Skip to main content

Full text of "Life and work 1940-1947"

See other formats


.d)A^..L.. 2' iik/y.^AyJj...^ i^ss.. 


Digitized  by  the  Internet  Archive 

in  2011  with  funding  from 

internet  archive 


http://www.archive.org/details/lifework1940194700chur 


5>.  I 


SLi5l^ 


Aireamh  i 


1940 


Eagal  agus  Earbsa 


'S  an  la,  air  am  hi  eagal  orni,  earbaidh  mi  asad-sa." — Salm  Ivi.,  3. 


AN  uair  a  sgriobh  an  Salmadair  an  t-salm 
so  bha  e  ann  an  eiginn  chruaidh  ;  bha  e  air 
a  chuairteachadh  le  naimhdean  lionmhor, 
ach  dh'  earb  e  e-fein  ri  Dia,  agus  thilg 
creideamh  eagal  a  mach  as  a  cridhe. 

Tha  a  air  a  radh  gur  e  Daibhidh  a  rinn  an 
t-salm  so  annair  a  bha  e  air  faondradh  ann  an 
Gat,  far  an  do  theicli  e  as  a  dhiithaich  fein, 
an  dochas  nach  aithnicheadh  na  PhUistich  e. 
Ach  leag  iad  amharus  air  agus  los  a  bheatha 
fhaotainn  leis  as  an  lamhan  leig  Daibhidh 
air  gu  robh  e  as  a  chiall ;  nach  robh  ann  ach 
duine  gun  chron. 

Co  dhiu  a  tha  sin  fior  no  nach  'eil  tha  e 
soUleir  gu  leoir  gu  robh  an  t-salm  air  a 
sgriobhadh  le  duine  diadhaidh  a  bha  'na 
eiginn,  agus  mar  sin  tha  i  gle  fhreagarrach 
dhuinn  uile  anns  na  laithean  dorcha  so, 
laithean  anns  am  faod  sinn  a  radh  mar 
thubhairt  lob,  "  An  ni  roimh  an  robh  eagal 
orm  thachatr  e  dhomh  ;  agus  an  ni  roimh 
an  robh  mi  fo  uamhunn  thainig  e  orm." 

Is  i  so  uair  cumhachd  an  dorchadais  anns 
an  t-saoghal,  oir  tha  rioghachdan  Criosduidh 
na  Roinn-Eorpa  air  toiseachadh  air  a  cheile 
a  mharbhadh  ann  an  cogadh  uamhasach  a 
dh'fhaodas  dol  air  aghaidh  fad  bhliadhnachan. 
Aig  an  Tighearna  a  mhain  a  tha  fhios  c'uin 
a  sguireas  e,  no  ciod  an  ceann  criche  a  bhios 
aige,  ach  ciod  air  bith  a'  chrioch  a  bhios 
aige  thig  call  searbh  air  an  diithaich  'n  a  lorg, 
call  dhaoine  agus  call  codach.  Gabhaidh 
call  ar  codach  leasachadh  ri  uine  ach  cha 
tig  am  marbh  beo.  Bidh  dull  ri  fear- 
feachda,  ach  cha  bhi  diiil  ri  fear-lice.  Ann 
an  Leodhas  cheana  chualas  caoidh  agus  gul 
agus  bron  ro  mhor,  mathraichean  a'  caoineadh 
an  cloinne,  a  chionn  nach  'eil  iad  bed. 

Fath  eagail. 

Chan  'eil  duine  turail  anns  an  diithaich 
an  diugh  air  nach  eagal,  eagal  roimh  'n 
chunnart  anns  a  bheil  an  rioghachd,  ach 
cha  choir  dhuinn  leigeil  leis  an  eagal  sin 
gealtairean  a  dheanamh  dhinn  ann  an  la 
ar  deuchainn.  Bu  choir  dhuinn  ar  n-urnuigh 
a  dheanamh  ri  Dia  nan  neamh,  mar  rinn 
Nehemiah,  agus  a  radh  ri  Dia  'n  ar  n-urnuigh, 
"  'S  an  la  air  am  bi  eagal  orm,  earbaidh  mi 
asad-sa."  Cho  fad  's  is  leu-  do  mhor-shluagh 
na  dtithcha  so  thoisich  an  rioghachd  air  a' 


chogadh  le  coguis  ghlan  oir  chan  ann  air 
ghaol  buannachd  a  tharruing  i  an  claidheamh, 
no  a  chionn  nach  robh  faidhidinn  aig  ar 
luchd-riaghlaidh,  ach  a  chionn  gu  robh 
muinntir  na  rioghachd  uile  a'  faicinn  gu'm 
feumadh  iad  uair  no  uaireigin  seasamh  an 
aghaidh  na  Gearmailte  a  bha  a'  maoidheadh 
gun  sgur  air  a  h-uile  coimhearsnach  a  bu 
laige  na  i  fein.  Cha  bhi  sith  gu  brath  am 
measg  choimhearsnach  ma  dh'  fhaodas  am 
fear  laidir  a  chuid  a  thoirt  o'n  fhear  lag. 
Chan  e  ar  luchd-riaghlaidh  a  rinn  an  cogadh 
so  an  aghaidh  toil  an  t-sluaigh;  is  e  an 
sluagh  fhein  a  thug  air  ar  luchd-riaghlaidh 
seasamh  ri  Hitler,  a  chionn  gu'm  b'  fhearr 
leo  an  t-uamhas  a  bha  a'  bagradh  air  an 
t-saoghal  fhaotainn  seachad  seach  a  bhi  fo 
eagal  gun  sgur,  le  sgaoim  cogaidh  thairis 
orra  a  h-uile  bliadhna.  Eadhon  ann  an 
cogagh  is  maith  do  mhuinntir  an  airm  coguis 
ghlan  a  bhi  aca. 

Dia  ar  teannunn. 

Ach  chan  ann  air  ctiisean  na  rioghachd  a 
bha  mi  air  son  bruidhinn  an  uair  a  shocruich 
m'  inntinn  air  an  fhacal  a  thubhairt  an 
Salmadair  ach  air  an  f headhainn  sin  am 
measg  ar  luchd-leughaidh  air  a  bheil  iomguin 
agus  eagal  anns  na  laithean  so  a  chionn  gu 
bheil  gillean  oga  a  bhuineas  dhaibh  an 
cunnart  bais  anns  an  Fhraing  no  air  a'  mhuir. 
A  la  agus  a  dh'  oidhche  tha  an  smuaintean 
timchioU  air  an  f headhainn  a  tha  air  falbh, 
gun  fhios  aca  ciod  an  la  no  an  uair  a  dh' 
fhaodas  iad  sgeul  nan  creach  a  chluinntinn. 
Ciod  is  urrainnear  a  radh  riu  ach  iad  a  bhi 
faidhidinneach  agus  misneachail,  agus  an 
earbsa  a  chur  ann  an  Dia,  ag  r^dh  riu  fein 
mar  thubhairt  an  Salmadair  ann  an  Ik  a 
theanntachd. 

'S  an  la  air  am  bi  eagal  orm 
Earbaidh  mi  asad-sa. 

Tilgidh  creideamh  a  mach  eagal  cho  fad  's  a 
ghabhas  sin  deanamh,  agus  is  e  an  aon  doigh 
air  ar  creideamh  a  mheudachadh  ar  n-inntinn 
a  shocruchadh  air  Dia  ;  air  a  ghradh,  air  a 
ghliocas,  air  a  rtiintean  caomhail.  An  uair 
a  ni  daoine  sin  fiosraichidh  iad  'n  an  cridhe 
fein  gur  fior  am  facal  a  thuirt  an  Salmadair, 
"  Ann  an  lionmhorachd  mo  smuaintean  an 


EAGAL  AGUS  EARBSA— AKNS  A'  CHATHAIR 


taobh  a  stigh  dhiom  thug  do  chomhfhurtachd 
-sa  solas  do  m'  anam." 

An  uair  is  urrainn  neach  a  radh  mu 
lehobhah,  "Is  e  mo  thearmunn,  agus  mo 
dhaingeach  ;  mo  Dhia  anns  an  cuir  mi  m' 
earbsa,"  tha  e  cheana  air  a  shaoradh  o  phlaigh 
an  eagail,  a'  phlaigh  a  tha  a'  bualadh  dhaoine 
anns  an  oidhche  gu  sonraichte. 

Chan  atharraich  ar  creideamh,  no  ar 
n-earbsa  ann  an  Dia,  ciirsa  a  fhreasdail  ach 
atharraichidh  iad  sinn  fein,  air  chor  agus 
gu'n  gabh  sinn  ri  cursa  an  fhreasdail  gun 
ghearan.  "  Bi  d'  thosd  an  lathair  lehobhah, 
agus  feith  le  foidhidinn  au\"  Is  e  so  an 
iocshlaint  eifeachdach  a  leighseas  an  cridhe 
goirt  agus  a  bheir  neart  do  dhaoine  an  uair  a  tha 


an  anam  fo  ^mhghar.  •  "  Tha  sinne  a  chreid," 
ars  an  t-abstol,  "  a'  dol  a  steach  do'n  fhois 
sin."  Chan  e  mhain  gu  bheil  Dia  a'  toirt 
fois  d'a  shluagh  aig  uair  am  b^is,  ach  tha 
e  a'  toirt  fois  dhaibh  anns  an  am  so  a  ta 
lathair  ;  tha  iad  foisneachail  anns  an  Tigh- 
earna,  agus  tha  sith  is  lanachd  sith  'n 
an  cridhe,  eadhon  ged  bhiodh  bron  agus 
sgaU  a'  bhais  mu'n  cuairt.  So  an  toradh 
maith  a  bheir  earbsa  dhiadhaidh  a  mach  ann 
an  duine,  ni  e  samhach,  agus  ciiiin ;  agus 
faidhidinneach  e. 

Cha  ghabh  mi  gealtachd  uime  sin 

's  am  feasd  chan  eagal  learn 
Na  dh'  f  haodas  feoil  a  dheanamh  orm 

de  lochd,  le  iomairt  thearni. 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  an  ^ireamh  mu  dheireadh  rinn,  mi 
iomradh  air  duine  a  rinn  gniomh  uasal  agus 
gaisgeil,  agus  bu  mhaith  learn  leantuinn  air 
an  t-seanchas  sin  anns  an  4ireamh  so,  oir  is 
fheairrd  sinn  uile  beagan  mhionaidean  a  chur 
seacbad  ann  an  comunn  dhaoine  gaisgeil. 

Chan  'eil  aite  air  an  t-saoghal  anns  am 
faighear  barrachd  gaisgealachd  an  diugh  na 
gheibhear  air  a'  chuan  am  measg  sheolad- 
dairean,  na  daoine  ris  an  abradh  an  Salmadair 
"  iadsan  a  theid  sios  do'n  fhairge  air  longaibh, 
a  ni  obair  air  uisgeachaibh  mora." 

Tha  seorsa  dhaoine  ann  a  chuireas  an  fhairge 
goirisinn  'n  am  feoil ;  tha  eagal  aca  roimhpe, 
agus  is  e  an  eiginn  a  chu'reas  oirre  iad,  ach 
tha  a  clann  fein  aig  a'  mhuir,  clann  air  a 
bheil  tarruing  aice  mar  a  thairiageas  a' 
chlach-iuil  an  t-snathad.  Eadhon  ann  an 
laithean  sithe  tha  a'  chlann  sin  a'  fulang 
fuachd  is  anastachd  a  chuireas  dearbhadh 
air  an  cruadalachd,  ach  an  am  cogaidh  tha 
fichead  cunnart  ur  aca  mar  choimhleapaich 
a  la  's  a  dh 'oidhche  a  thuilleadh  air  cunnartan 
nadurra  a'  chuain. 

Ged  nach  abrar  seoladairean  ris  na  h- 
iasgairean  theagamh  gur  ann  am  measg  nan 
iasgairean  a  gheibheadh  tu  na  sgiobairean 
agus  na  sgiobaidhean  a  rinn  na  h-euchdan  a  bu 
ghaisgeile  air  an  cualas  iomradh  anns  a '  chogadh 
mu  dheireadh,  agus  anns  a'  chogadh  so  fein  an 
uair  a  dh'  fheuch  na  GearmaUtich  ri  cridhe 
muinntir  Bhreatuinn  a  mheatachadh  le 
meinnean  cunnartach  a  chur  ann  an 
seolaidean  tana  dluth  do'n  chladach  thairg 
da  cheud  bata-iasgaich  agus  da  mhile  iasgair 
iad  fein  ann  an  aon  la,  gus  na  meinnean  sin 
a  sguabadh  as  an  rathad.     Ciod  a  theireadh 


tu  ri  daoine  de'n  t-seorsa  sin  ach  gur  daoine 
gaisgeil  iad ! 

Ach  is  ann  a  tha  mo  naidheachd  air 
Godfrey  Herbert  D.S.O.,  a  bha  'n  a  chom- 
anndair  air  bata-fo-thuinn  (submarine)  m' 
an  do  thoisich  an  cogadh  mu  dheireadh,  duine 
air  an  deachaidh  caol  thearnadh  o'n  bhas 
barrachd  uairean  na  chaidh  air  duine  cile 
air  an  cuala  mi  iomradh  riamh. 

Tha  na  bataichean-fo-thuinn  na's  sabhailte 
an  diugh  na  bha  iad  an  toiseach,  ach  air  cho 
innleachdach  agus  cho  cinnteach  's  'ga  bheU 
an  t-slige  agus  an  acfhuinn  annta  air  an 
deanamh  tha  cunnart  annta  daonnan.  Ann 
an  1910  cha  robh  dithis  eile  ann  an  Cabhlach 
Bhreatuinn  a  b'  fhearr  a  bha  suas  ri  b^ta- 
fo-thuinn  o  breachadh  na  Godfrey  Herbert 
agus  an  comanndair  a  bha  as  a  chionn, 
Martainn  Nasmyth,  a  chaidh  suas  ann  an 
1915  troimh  chaolas  cumhang  nan  Dardan- 
elles, caolas  anns  a  bheil  sruth  laidir,  agus  a 
bha  air  a  dhion  le  gunnacha-mora  air  gach 
taobh  agus  le  meinnean  a  bha  air  an  acrachadh 
ann  gu  tiugh.  Ach  theab  an  dithis  a  bhi  air 
am  bathadh,  no  air  an  tachdadh  am  broinn 
bata-fo-thuinn,  dluth  do  Phlymouth,  agus 
iad  a  mach  comhla,  a'  feuchainn  innleachd 
tir  air  chor-eigin.  An  uair  a  chaidh  i  fodha 
chan  eireadh  i ;  rinn  i  seasamh-claidheimh 
air  urlar  na  mara  ann  an  doimhneachd  se 
aitheamh  dheug,  ach  gu  fortanach  chaidh 
aca  air  a  h-aotrumachadh  agus  air  a  toirt  an 
uachdar  m'an  robh  iad  air  an  tachdadh  le  gas. 

A'  cheud  bhata-fo-thuinn  a  chaidh  riamh 
cho  fada  air  falbh  ri  China,  's  e  Godfrey 
Herbert  a  thug  a  mach  i  ann  an  1911  ; 
turns     dheich     mile     mile.     Tha     cuimhne 


ANNS  A'  CHATHAIR 


agaibh  air  a'  bhoilich  a  rinn  na  Gearmailtich 
ann  an  1916  an  uair  a  rainig  te  -de  na 
bataichean-fo-thuinn  aca  cladach  America, 
astar  as  lugha  na'n  t-astar  a  tha  eadar 
Portsmouth  agus  Hong-Kong. 

Aig  toiseach  a'  chogaidh  (1914-18)  bha 
tri  fichead  's  a  ceithir  de  bhataichean-fo- 
thuinn  aig  Breatunn  eadar  bheag  agus  mhor, 
ach  a  thaobh  's  gu  robh  soithichean-cogaidh 
na  GearmaUte  air  an  cumail  anns  na  puirt, 
agus  nach  robh  na  soithichean-marsantachd 
aice  idir  air  cuan,  cha  robh  uiread  cothroim 
aig  sgiobairean  nam  bataichean-fo-thuinn 
againne  air  an  seoltachd  a  chur  an  gniomh 
's  a  bha  aig  na  Gearmailtich.  Ach  air  a 
shon  sin  bha  sgiobairean  maith  againn ; 
Cecil  Talbot  ;  Max  Horton  ;  Francis  Good- 
hart  ;  Martainn  Nasmyth  ;  Godfrey  Herbert, 
agus  feadhainn  eUe  de'n  t-seorsa  sin  a  dhearbh 
an  teomachd  agus  an  gaisgealachd  m'an  do 
sguir  an  cogadh. 

A'  cheud  urchair. 

Tha  mi  an  dull  gur  e  Godfrey  Herbert  a' 
cheud  fhear  a  loisg  torpedo  air  soitheach- 
cogaidh  Gearmailteach.  Bha  e  dluth  air 
eilean  Heligoland  an  uair  a  chunnaic  e 
soitheach-cogaidh  mor  anns  an  robh  ceithir 
luidhearan  a'dol  seachad  mar  shia  ceud  slat 
dha,  cho  dluth  's  gu'n  saoileadh  tu  gu'n 
tUgeadh  tu  coinean  aig  an  astar,  ach  gu  mi- 
shealbhach  cha  d'amais  e  i,  ged  a  loisg  e  da 
thorpedo.  Chan  e  sin  a  mhain  ach  theab  e 
an  iiibhrach  aige  fein  a  chaU,  oir  a  cheart 
cho  luath  's  a  chunnacas  sgriob  na  torpedo 
air  an  fhairge  bha  na  tri  abhagan  beaga  a 
bha  falbh  leis  a'  bhata  mhor  air  a  mhuin, 
is  thoisich  iad  air  iasgach  le  lin  agus  leis  gach 
seorsa  dhubhan  a  bha  aca. 

Ach  cha  b'  ann  aige-san  a  bha  a'  choire 
ach  aig  an  fheadhainn  a  bha  a'  deanamh  nan 
torpedos.  An  deidh  laimhe  fhuaireadh  a 
mach  gu  robh  na  torpedos  a  bha  air  an  toirt 
do  na  bataichean-fo-thuinn  aig  toiseach  a' 
chogaidh  da  fhichead  punnd  na  bu  truime 
amis  a'  cheann  na'n  fheadhainn-fheall  a 
bhiodh  iad  a  losgadh  air  targaid  roimh  'n 
chogadh.  Bha  lamh  chinnteach  aig  Herbert, 
is  r.nn  e  e  fein  cho  coimhHonta  anns  gach 
ceum  d'a  obair  's  gu'n  rachadh  aige  air  amas 
au'  a'  chomharradh  daonnan,  ach  an  la  ud, 
a  thaobh  's  nach  d'innseadh  dha  gu  robh  an 
torpedo  na  bu  truime  anns  a'  cheann,  chaidh 
i  seachd  troighean  deug  fo  dhruim  a'  bhata 
ged  bha  i  direach  fo  a  teis-meadhoin. 
Cheartaich  an  Admiralty  so  an  deidh  laimhe. 

Aig  Heligoland. 

Ach  ma  bha  e  dlilth  do'n  bhas  ann  an 


August  ann  am  bagh  Heligoland  bha  e  na 
bu  dluithe  dha  ann  an  November  aig  Harwich, 
an  Sasunn,  an  uair  a  thainig  coig  no  sia  de 
shoithichean-cogaidh  na  Gearmailte  a  nail 
gu  cladach  Shasuinn  anns  an  oidhche,  agus 
a  loisg  iad  dararaichean  ann  am  beul  an  latha 
air  baile  no  dha  an  taic  a'  chladaich.  Bha 
iad  air  son  na  soithichean  againne  a  tharruing 
as  an  deidh  an  dochas  gu'm  biodh  feadhainn 
dhiubh  air  an  caU  le  meinnean  a  chuir  iad  a 
mach  anns  an  oidhche. 

Chaidh  a  h-uUe  b^ta  a  bha  ann  an  Harwich, 
beag  no  mor,  as  an  deidh,  agus  'n  am  measg 
Godfrey  Herbert  ann  an  D-5,  a'  falbh  air 
uachdar  an  uisge.  Ach  gu  mi-shealbhach 
bhuail  i  meinn  a  rinn  da  leth  oirre,  is  chaidh 
i  fodha  ann  am  mionaid.  Bha  a'  chuid  bu 
mhotha  de  'n  sgiobadh  air  am  bathadh,  ach 
chaidh  aig  Herbert  agus  aig  coignear  eile 
air  snamh  gus  an  robh  iad  air  an  togail  le 
bata-iasgaich.  Bha  a'  mhaduinn  fuar,  agus 
tulgadh  maith  fairge  ann,  ach  gus  e  fein 
a  dheanamh  cho  aotrum  anns  an  uisge  's 
a  b'urrainn  dha  chuir  e  dheth,  agus  e  cheana 
air  an  t-snamh,  a  bhotainnean-mora,  a 
chota-mor,  a  dheise-mbara,  agus  gloineachan 
a  bha  mu  amhaich.  Cha  b'  e  duine  gun 
smuais  ann  a  dheanadh  sin.  Chuidich  e  le 
aon  no  dha  eile  a  bha  an  neart  a'  failneachadh 
cumail  an  uachdar  gus  an  tainig  cabhair  orra. 

Na  bataichean-diomhair. 

Ann  am  meadhon  a'  chogaidh  bha  e  greis 
mhaith  anns  na  bataichean-diomhair  air 
an  robh  gunnachan  air  am  folach,  agus  a 
bha  dol  a  mach  an  riochd  bhataichean- 
bathair  gun  armachd,  ged  bha  iad  air  an 
cur  a  mach  a  dh'  aon  ghnothuch  a  shealg 
bataichean-fo-thuinn  na  Gearmailte.  Dh' 
atharraicheadh  na  bataichean  ud  an  cruth 
agus  an  coltas  ann  an  aon  oidhche  ;  cha  robh 
innleachd  a  b'  aithne  dhaibh  nach  cleachdadh 
iad  gus  an  car  a  thoirt  as  an  namhaid,  agus 
a  thoirt  orra  a  chreidsinn  nach  robh  annta 
ach  seana  tubachan  a  bha  a'  giulan  guaU, 
no  CO  dhiubh  bataichean  neochiontach  gun 
ghunnachan  roimh  nach  ruigeadh  iad  a  leas 
eagal  a  bhi  orra. 

Bha  Godfrey  Herbert  ann  an  te  dhiubh  so 
ann  an  1915,  bata  air  an  robh  an  t-ainm 
Baralong.  Eadar  April  agus  August  sheol  e 
deich  mile  mile,  sios  is  suas,  siar  au'  Eirinn, 
ach  fad  na  h-uine  chan  fhaca  e  gin  de  bhat- 
aichean  na  Gearmailte  ged  a  bha  iad  a' 
deanamh  cron  gu  leoir.  Aon  la  ann  am 
meadhon  August  chuir  iad  fodha  ochd  de 
na  bataichean  againne  (coig  is  da  fhichead 
mile  tunna)  eadar  Eirinn  agus  na  h-Eileanan 
Scillies  ;  am  bata  mor  agus  am  b^ta  breagh, 


4 


ANNS  A'  CHATHAIR 


an  Arabic,  anus  an  robh  moran  air  an  call, 
'n  am  measg.  Cha  robh  am  Bar  along  fada 
air  falbh  o'n  4ite  anns  an  robh  iad  air  an  cur 
fodha  ;  aig  tri  iiairean  's  an  fheasgar  ruith  am 
fear  a  bha  ag  oibreachadh  an  radio  suas  far 
an  robh  Herbert  air  an  drochaid,  a  dh' 
innseadh  dha  gu  robh  bata  eile  air  fios  a 
chur  a  mach  gu  robh  i  'n  a  h-eiginn  agus  da 
bh^ta-fo-thuinn  Gearmailteach  an  sas  innte. 
Dh'  atharraich  am  Bar  along  a  ctirsa  ;  rinn 
i  du'each  air  an  aite  anns  an  robh  duil  aice 
gu'm  faiceadh  i  an  te  eile,  agus  ceart  gu 
leoir  ann  an  uair  a  dh'  uine  faicear  an 
Nicosian,  agus  na  daoine  air  a  fagail  ann  an 
geolachan.  Chunnaic  iad  am  bata-fo-thuinn 
dluth  dhi,  a'  gabhail  seaUaidh  oirre,  agus 
a'  cumail  suil  gheur  air  an  te  eUe  a  bha  a' 
tighinn  chuca.  Bha  bratach  America  aig 
Herbert  ri  crann  na  Bar  along,  is  chuir  e  suas 
bratach -shanais  eile  a  dh'  innseadh  do  na 
Gearmailtich  gu  robh  e  air  son  sgioba  na 
Nicosian  a  shabhaladh. 

Obair  gharg. 

Ach  gus  an  naidheaohd  a  ghiorrachadh, 
cho  luath  's  a  fhuair  e  an  Nicosian  eadar  e 
agus  am  bata-fo-thuinn  leig  e  sios  na 
cliathaichean-buird  agus  an  canabhas  a  bha 
a'  foluch  nan  gunnachan,  chuir  e  suas 
bratach  Bhreatuinn,  agus  bha  e  deas  gus 
ladaichean  a  thoirt  do  U-27  an  uair  a 
thigeadh  i  am  fradharc  fo  dheireadh  na 
Nicosian.  A  reir  choslais  bha  commanndair 
na  U-27  cinnteach  gur  e  bata  gun  gho  le 
America  a  bha  innte,  oir  lean  e  air  losgadh 
air  an  Nicosian,  agus  duil  aige  nach  robh  dad 
air  aire  na  Baralong  ach  faotainn  dluth  do 
na  geolachan  anns  an  robh  na  daoine. 

An  sin  thoisich  obak  gharbh  is  gharg, 
obair  a  bhiodh  sgreataidh  na'n  do  rinneadh 
i  am  full  fhuar.  Ach  bha  Godfrey  Herbert 
agus  an  sgioba  a  bha  leis  air  an  cur  chuige 
gu  mor,  a'  faicinn  agus  a'  cluinntinn  mu 
bhriiidealas  nan  Gearmailteach  a  bha  a'  cur 
fodha  bhataichean  gun  rabhadh,  agus  gun 
chothrom  a  thoirt  do  dhaoine  am  beatha  a 
thoirt  asda. 

Leis  an  dara  ladach  thug  am  Baralotig  a 
buiUe-bhais  do  U-27,  ach  gus  a  bhi  cinnteach 
chuir  i  ceithir  ladaichean  deug  air  fhichead 
innte.  Cha  do  loisg  am  bata-fo-thuimn  ach 
aon  urchair  oirre-se,  is  cha  d'amais  i  air  a' 
Bharalong  leis  an  te  sin  fhein,  ged  nach  robh 
iad  ach  se  ceud  slat  o  cheile.  Bha  a'  chuid 
bu  mhotha  de  na  Gearmailtich  air  am 
marbhadh  am  broinn  a'  bhata,  is  chaidh  iad 
sios  do'n  ghrinneal  'n  an  ciste-mhairbh 
iaruinn.  Ach  leum  feadhainn  dhiubh  a 
mach  air  a'  mhuir,  is  dh'  fheuch  iad  ri  streap 


suas  do'n  Nicosian,  los  iad  fiin  a  shabhaladh 
anns  a'  bhata  a  dh'  fheuch  iad  ri  chur  fodha. 
Loisgeadh  orra  anns  an  uisge,  agus  an 
fheadhainn  a  fhuair  air  bord,  bha  iadsan 
air  am  marbhadh  cuideachd. 

Bha  an  obair  garg  gun  teagamh,  ach  an 
deidh  laimhe  thubhairt  Godfrey  Herbert  gur 
e  an  t-aobhar  i  bhi  cho  garg,  gu'n  robh  e 
fein  agus  a  dhaoine  teth  le  corruich  aig  an 
am,  gu'n  robh  rabhadh  air  a  thoirt  dha  gu 
robh  bata-U  eile  dluth  dhaibh,  agus  nach 
robh  f  hios  aige  nach  feuchadh  na  Gearmailtich 
a  gheibheadh  a  steach  do'n  Nicosian  ris  na 
cnagan  a  thoii't  aisde  agus  a  cur  fodha  seach 
i  a  bhi  air  a  toghadh  gu  tir  leis  na  Breat- 
unnaich.  Thogh  e  i  gu  Avonmouth,  is 
shabhail  e  och  ceud  muileid  a  bha  gle 
fheumail  anns  a'chogadh. 

Airgiod-cinn  air. 

Co  dhiu  rainig  an  naidheachd  a'  GhearmaUt 
is  rinn  iad  ub-ab  mu  bhruidealas  agus  an- 
iochdmhorachd  nam  Breatunnach  nach  cualas 
riamh  a  leithid.  Chuir  iad  pris  air  ceann 
sgiobair  na  Baralong,  ach  air  eagal  gu'm 
faigheadh  iad  a  mach  c6  e,  thug  an  Admiralty 
mar  ainm  air,  UiUeam  MacBrighde,  agus  fad 
a'  chogaidh  tuiUeadh  bha  iarraidh  aig  na 
Gearmailtich  air  Uilleam  MacBrighde. 

Chuir  am  Baralong  fodha  bata-U  Gear- 
mailteach eile  an  ceann  choig  seachduinean, 
ach  cha  robh  Godfrey  Herbert  innte  air  an 
turns  sin,  oir  chuireadh  e  air  son  a  shlainte 
do  bhata  eile  a  bha  a'  seoladh  air  a'  Mhuii-- 
mheadhoin. 

Gle  thrath  anns  a'  chogadh  chuir  an 
Comanndair  Wegener,  a  bha  ann  an  U-27, 
a  chuir  am  Baralong  fodha,  torpedo  ann 
an  te  de  na  soithichean-fo-thuinn  againne, 
is  rinn  e  da  leth  oirre,  ach  cha  d'fheuch  e  ri 
duine    de'n    sgioba    a    shabhaladh. 

Chan  urrainn  mi  innseadh  an  drasd 
mu'n  chaol  thearnadh  a  chaidh  air  Herbert 
tri  uairean  eile  ann  am  Bagh  Hehgoland  agus 
amis  a'  chuan  a  Tuath,  na  h-aitean-iasgaich 
anns  am  b'  fhearr  leis  a  bhi,  ach  b'  e  an 
tearnadh  a  bu  chaoile  a  chaidh  riamh  air 
gu'n  d'  fhuair  e  a  bheatha  as  a'  bhata-fo- 
thuinn  K-13,  a  chaidh  fodha  anns  a'  Ghearr- 
loch,  air  Cluaidh. 

Anns  a'  Ghe^rr.loch. 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne  aig  cuid  de 
na  leughas  an  duilleag  so  air  an  iomguin  agus 
air  an  eagal  a  sgaoil  air  feadh  na  diithcha 
an  uair  a  chualas  gu'n  deachaidh  am  bata  iir 
K-13  sios  anns  a'  Ghearr-loch,  agus  gu 
robh  i  shios  fad  na  h-oidhche  gun  eirigh. 
Tha  cuimhne  agam-sa  an  diugh  fhathast  air 


ANNS  A'   CHATHAIR— CIOD   IS  LEIBtt 


5 


m'  eagal  agus  m'  fhaireachduinean  fein  a 
h-uile  mionaid  de'n  t-seachduin  ud. 

Bha  i  air  a  togail  an  garradh  Fairfield,  an 
Govan,  is  bha  an  t-slige  cho  maith  agus  a 
h-xiile  ball  de'n  acfhuinn  cho  finealta  agus 
cho  innleachdach  's  gu  robh  engineers 
Chiuaidh  anabarrach  mor  aisde,  ach  an  uair 
a  bha  Godfrey  Herbert  (a  bha  ri  bhi  'na 
chomanndair  oirre)  agus  Francis  Goodhart 
agus  feadhainn  eile  air  an  cur  do  Ghlachu 
a  chur  deuchainn  rnhaith  air  a'  bhata  m' 
an  gabhadh  an  Admiralty  thairis  i  o'n 
fheadhainn  a  thog  i,  dli'  eirich  an  tubaist  ud 
dhi,  direach  mar  dh'  eirich  e  do'n  Thetis  o 
chionn  ghoirid. 

Bha  ceithir  fichead  duine  innte  eadar  a 
sgioba  fein  agus  na  daoine  sgileil  a  thog  i, 
agus  a  h-uUe  duine  de  'n  cheithir  fichead 
suas  ri  ghnothuch,  ach  air  dhoigh  air  choreigin 
bha  dorus  air  fhagail  fosgailte  a  bu  choir  a 
bhi  diiinte,  is  bhruchd  an  fhairge  a  steach, 
is  laigh  am  bata  air  leaba  phuill  as  nach 
b'  urrainn  dhaibh  a  carachadh.  Mar  gu'm 
biodh  Neptune  mor  na  fairge,  dia  eudmhor 
a'  chuain,  a'  magadh  air  mac  an  duine  agus 
ag  radh  ris,  "  ShaoU  thu  ann  an  uabhar 
t'eanchainn  agus  d'innleachdais  gu'n  do 
chiosnaich  thu  na  duilean,  ach  feuch  ort  a 


An  gniomh  gaisgeil. 

Rinneadh     na     ghabhadh     deanamh     a 
shabhaladh   nan   daoine   blio   thir,   ach    bu 


bheag  sin.  An  uair  a  dh'  fhairtHch  gach  ni 
eile  air  an  fheadhainn  a  bha  air  bord  innte 
chuir  Godfrey  Herbert  agus  Francis  Goodhart 
romhpa  gu'm  feuchadh  iad  ri  cabhair  a 
dheanamh  air  each  le  am  beatha  fein  a  chur 
an  cunnart,  agus  gu'n  leigeadh  iad  leo  fein 
a  bhi  air  an  tilgeadh  a  mach.  aisde  troimh 
tholl  cumhann  mar  gu'm  biodh  peUear  air  a 
thilgeadh  a  gunna.  Chan  urrainn  mise  an 
rud  a  mhineachadh  gu  soilleir  dhuit,  ged 
tha  seorsa  de  thuigsinn  agam  air,  'n  am 
inntinn  fein,  ach  co  dhiu  saoilidh  mi  nach 
bu  mhaith  leat  a  bhi  air  do  chur  mar  chuifean 
ann  am  baraile  gunna  agus  air  do  thilgeadh 
as  le  spionnadh  is  spreadhadh  eagallach. 

Sin  mar  rinn  an  dithis  ud  orra  fein  air 
sgath  chaich .  Bha  Goodhart  air  a  mharbhadh 
gun  sgrid  ann,  ach  dh'  eirich  Herbert  gun 
dochann  mar  gu'm  biodh  arcan  no  bolla  a' 
tighinn  an  uachdar.  Agus  o'n  mhionaid  a 
dh'  eirich  e  ghabh  e  comannd,  agus  air  a 
cheami  mu  dlieireadh  thug  iad  sia  agus  da 
fhichead  duine  a  mach  aisde  beo. 

Ach  ged  chaidh  am  bata  ud  au-  ais  do 
gharradh  Fairfield  a  ris,  agus  ged  bha  a 
h-ainm  air  atharrachadh,  cha  robh  rath  maith 
oirre  riamh.  Tha  bataichean  ann  anns  a 
bheil  deamhan  air  choreigin  a'  dol  a  steach 
o'n  la  a  churrear  air  sail  iad.  Ma  tha  bean 
dhur  aig  duine  chan  fhaod  e  a  cur  bhuaith, 
ach  ma  tha  bata  no  each  dur  aige  bhiodh  e 
glic  dha  an  cur  bhuaith  cho  luath  's  is 
urrainn  dha. 


Ciod  is  leibh 

{Mlneachadh  air  1   Corint.  iii.) 
Lets  an  Urramach  Calum  MacGilleathain,  M.A.,  an  Drochaid  Chonainn 


'S  e  comhstri  a  bha  eadar  dreamanna 
sonraichte  an  Corint  a  dh'aobharaieh  gu'n 
do  ghluaiseadh  Pol  le  Spiorad  an  Tighearna 
a  chum  a'  chaibideal  so  a  sgriobhadh  air  tus. 
Ciod  air  bith  a  tha  fior  mu  roinnean  eile, 
bha  roinnean  Chorint  o'n  duine  nadurra. 
Bha  luchd  nan  roinnean  "  feolmhor."  Agus 
rud  a  bha  bochd  gu  leoir  's  ann  air  sgath 
dhaoine  bha  iad  roinnte.  Agus  na  daoine 
sin  b'aon  dream  iad,  muinntir  a  bha  a' 
comh-oibreachadh  maille  ri  Dia.  Cha  b'ann 
a  thearbadh  a  thainig  iad,  Pol  agus  Apollos 
agus  Peadar,  ach  a  thional  agus  a  thogail. 
Tha  Pol  ag  amharc  air  an  cuid  saothair  mar 
gu'm  biodh  da  ni  aca  'ga  dheanamh,  aiteach 
agus  togail  aitreibh.  Tha  fear  a'  cur  agus 
fear  ag  uisgeachadh.  Tha  fear  a'  leagail 
bunaite  agus  fear  eile  a'  togail  air  a'  bhunait 
sin  a  leagadh.  'S  e  Criosd  a'  bhunait. 
Agus  's  e  bhitli  searmonachadh  Chriosd  no  a 
bhith   searmonachadh   an   t-Soisgeil   leagail 


na  bunaite.  Sin  an  obair  a  rinn  Pol  araon 
an  Corint  agus  an  Galatia  ;  shearmonaich  e 
Criosd  agus  Criosd  air  a  cheusadh,  agus  rinn 
e  a'  chuid  sin  cho  dichioUach  agus  cho 
durachdach  agus  gu'n  do  shaoil  e  gu'n  do 
chuir  e  Criosd  agus  esan  air  a  cheusadh  mar 
gu'm  b'eadh  mu  choinneamh  an  siiilean, 
mar  gu'm  biodh  aca  sgeul  mhor  shoilleir 
air  balla  air  am  beulaibh. 

Bha  daoine  eile  a'  togail  air  a'  bhunait. 
Agus  cha  b'ionnan  obair  aig  gach  fear,  oir 
bha  cuid  a  chuir  nithean  luachmhor  an  sas 
'san  aitreabh,  agus  bha  cuid  eile  nach  do 
chuir  innte  ach  nithean  beaga  agus  nithean 
aotroma. 

Gach  neach  a  tha  air  a'  bhunait  tha  e  an 
aite  cinnteach,  seasmhach.  An  ti  a  chreideas 
an  Criosd  tearnar  e.  Sin  sgeul  mhor  aoibhinn 
an  t-soisgeU.  Ged  nach  d'  fhuair  an  gaduiche 
air  a'  chrann  moran  thn  gu  bhith  cur  no 
buain,  gu  bhith  ri  saoirsneachd  no  clachair- 


6 


CIOD  IS  LEIBH 


eachd  ;  fhuair  e  saorsa  agus  tearnadh,  ach  a 
bharrachd  air  a'  chreideamh  iongantach  sin 
agus  a'  mhuinghin  sin  a  bha  aige,  aig  uair  is 
am  a  bhais,  an  losa  Criosd  cha  robh  cosnadh 
no  buannachd  ghrasmhor  mar  thoradh  obrach 
ann,  Agus  cho  maith  ri  slainte  tha  luach 
saoithreach  aig  Dia  fa  chomhair  deagh  obair 
mhaith  luachmhor  dhiongmhalta.  Tha  daoine 
ann  ris  an  canar  fa  dheoidh  "  Na  deagh 
sheirbhisich."  Aidichear     an     saothair. 

Chan  'eil  an  Tighearna  leth-bhreitheach. 

Ach  is  coir  do  dhaoine  bhith  deanamh 
mor-ghairdeachas  anns  na  nithean  mora 
coitchionna  a  bhuineas  do  na  h-uile  ;  agus 
bu  choir  gu'n  tugadh  na  nithean  a  tha 
coitchionn  aig  daoine  daoine  gu  cheile. 
Feuch  mar  a  tha  na  nithean  a  tha  againn 
mar  chuibhrionn  choitchionn  'san  t-saoghal 
'g  ar  tarruing  gu  daimheil  cairdeil  gu  each 
a  cheile  ;  ar  cinneadh,  ar  canan,  ar  baile, 
agus  moran  eile  'san  t-saoghal,  is  maith  iad 
gu  bhith  'g  ar  cur  cuideachd  le  saorsa  na 
daimhealachd.  Bu  mhi-bhuileachadh  dhuinn 
e  orra  sud  gu'n  deanadh  a  h-aon  aca  a 
chaochladh  oirnn.  Agus  is  mi-bhuileachadh 
e  air  trocairean  eugsamhuil  Dhe  gu'm  biodh 
tiodhlacan  Dhe,  an  neach  no  an  ni,'  a' 
deanamh  sgaraidh  far  am  bu  chou"  daibh 
tathadh  a  dheanamh.  Smaoinich  Pol  a' 
tighinn  eadar  Criosdaidh  agus  Criosdaidh ! 

Bidh  daoine  uaireannan  a'  deanamh 
aireamh  is  cunntas  air  an  cuid  de'n  t-saoghal; 
an  uidhir  so  de  chaoirich,  an  uidhir  so  de 
chrodh  ;  bata  is  lin,  uidheam  treabhaidh  is 
uidheam  iasgaich  ;  an  uidhir  so  's  a'  bhanca, 
agus  an  uidhir  so  gu  tighinn  a  stigh  de 
chosnadh ;  luach  an  tighe  so,  agus  luach  sid 
is  so,  a  reir  nan  nithean  's  a  bheil  maoin 
shaoghalta  an  duine  a'  comh-sheasamh. 
Ach  CO  riamh  a  chuala  leithid  na  comh- 
aireamh  a  bha  aig  Pol  ach  anns  an  t-soisgeul 
a  mhain  ?  Is  leibhse,  arsa  esan,  na  h-uile 
nithean.  An  t-iomlan,  ma  is  aiU  leat. 
Seadh  agus  Pol,  agus  ApoUos,  agus  Cephas, 
agus  an  saoghal,  agus  beatha,  agus  bas, 
agus  na  nithean  a  tha  lathair,  agus  na 
nithean  a  tha  teachd  ;  is  leibh  an  t-iomlan  ; 
agus  is  le  Criosd  sibhse  ;  agus  is  le  Dia  Criosd. 

"  Ma's  leibh  Criosd  is  leibh  na  h-uile 
nithean."  Chan  e  cuid  leis  an  fhear  ud, 
agus  cuid  eile  leis  an  fhear  ud  eile  ;  a'  chuid 
ud  aig  an  dream  ud,  agus  a'  chuid  nach  'eil 
aca-san  aig  each.  Chan  e,  ach  a  h-uile  cuid 
aca  uile,  agus  an  t-iomlan  aig  gach  aon ! 

"  S  ann  mar  so  a  ghradhaich  Dia  an 
saoghal,"  arsa  an  Tighearna  losa  ;  agus  arsa 
Pol  "  Ghradhaich  e  mise:'  An  uair  a 
chuir  Dia  a'  ghrian  's  na  speuran  thug  e  a' 
ghrian  gu  h-iomlan  do  gach  duine  is  beo- 


chreutair,  seadh  agus  do  lusraidh  na  talmh- 
ainn,  agus  do  na  clachan.  An  la  a  dh' 
eireas  a'  ghrian  ort  is  leatsa  i  gu  h-iomlan ; 
ach  is  le  do  choimhearsnach  i  gu  h-iomlan 
mar  an  ceudna.  Agus  tha  an  ni  is  fearr  a 
tha  ann,  an  ni  tha  aig  an  Eaglais  mar 
shlainte  an  losa  Criosd,  mar  sin  aig  na  h-uile 
is  le  Criosd,  agus  aig  gach  aon  is  le  Criosd. 

Faodaidh  e  bhith  nach  'eil  an  aon  luach  aig 
duine  'ga  fhaicinn  anns  gach  ni  is  leis.  Tha 
rudeigin  a'  deanamh  aon  ni  sonraichte 
luachmhor  'na  sheaUadh,  agus  tha  daoine 
ann  agus  chan  e  an  ni  is  daoire  is  miiirneach 
aca  ach  ni  eile,  agus  na  'm  biodh  comhradh 
aige  bhiodh  sgeul  aige. 

Is  iomadh  ni  luachmhor  a  bha  aig  Augustin, 
ach  so  na  ceithir  a  bha  aige-san  a  bha  toirt 
mor  thoil-inntinn  dha.  {a)  "  Criosd  slan  agam, 
mo  shlainte."  (b)  "  Biobull  slan  agam,  mo 
lorg."  (c)  "  Eaglais  shlan  agam,  mo  chuid- 
eachd."  {d)    "  Saoghal    slan    agam,    mo 

sgire."  Bha  daoine  an  Corint  agus  bu  "  le 
Criosd"  iad,  ach  cha  robh  each  ach  le 
Peadar  is  le  Pol!  Bha  iad  ann  agus  "  bu 
led  Criosd,"  agus  chan  fhagadh  iad  aig  each 
ach  Peadar!  Gidheadh  ma  bha  Criood  'na 
lanachd  aig  Augustin  cha  do  dh'  fhag  sin 
Eoin  gun  an  dearbh  lanachd  sin  aige  fhein. 
"  Fhuair  sinne  uUe." 

Tha  daoine  anns  an  t-saoghal  agus  saoUidh 
iad  gur  leo  fhein  am  Biobull,  agus  chan  fhag 
iad  ('n  am  beachd)  aig  each  ach  fuidheaU 
Biobuill.  Ach  co  leis  am  BiobuU  ach  leis  a 
h-uile  fear  a  leughas  e  agus  a  ni  feum  mhaith 
dheth  ?  "  Feuch  am  bata  th'  agam,"  arsa 
fear  ri  duiae  diadhaidh  agus  e  dall.  "  0," 
arsa  an  dall,  "  tha  bata  agamsa  is  fearr  na 
do  bhata — ^Mo  lorg's  mo  bhata  treun." 

"  Tha  mi  creidsinn  's  an  Eaglais  Naoimh 
ChaitHceich."  C'aite  a  bheU  i  ?  Is  iomadh 
aite  sin,  ach  gu  h-araid  an  Leabhar  na 
Beatha  aig  an  Uan.  Is  iomadh  aite  an  robh 
i,  agus  is  fada  o  cheile  na  h-aiteachan  anns  a 
bheil  i,  agus  is  iomadh  linn  a  chunnaic  i, 
Eaglais  Chriosd.  "  Tha,"  arsa  bean  bhochd 
agus  i  aonaranach  agus  air  a  ceangal  ris  an 
leapaidh,  "  tha  Eaglais  Chriosd  anns  gach 
aite  ag  urnuigh  air  mo  shon-sa." 

Bha  iad  a'  cur  air  bodach  araid  gu'n  do 
chuireadh  ceist  air  de  cho  farsuinn  agus  a 
bha  urnuigh  a'  dol,  agus  gu'n  d'thuirt  e. 
"  Cho  farsuinn  ri  criochan  a'  bhaUe."  Chan 
'eil  cuid  de  ar  bailtean  ach  beag  co  dhiu. 
'S  e  am  facal  a  bha  aig  Iain  Wesley  a  bha 
aig  Augustin,  "  'S  e  an  saoghal  mo  sglre-sa." 
Ach  CO  a  thug  am  facal  sin  daibh  le  cheile 
air  tvls  ?  Co  ach  losa  Criosd.  "  Imichibh 
air  feadh  an  t-saoghail  uile  agus  searmon- 
aichibh  an  soisgeul  do  gach  diiil." 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


MA  chuir  peirceall  na  caorach  an  crann  air 
an  sparr  tha  an  cogadh  air  a  thoirt  a  nixas  a 
ris  ;  a  h-uile  taobh  an  teid  mi  chi  mi  no 
cluinnidh  mi  tractor  ag  obair  ann  an 
achaidhean  nach  robh  air  an  treabhadh  o 
chionn  fichead  bliadhna.  Na'm  b'e  aobhar 
eUe  ach  an  cogadh  a  thug  air  na  tuathanaich 
an  talamh  a  thionndadh,  bu  mhaith  an 
gnothiich  e,  ach  an  rud  a  thig  leis  an  t-sruth 
falbhaidh  e  leis  an  t-sruth,  is  tha  amharus 
agam  nach  leanar  air  an  treabhadh  ach  cho 
fad  's  a  mhaireas  an  cogadh. 

Tha  agamsa  ri  achadh  de'n  ghliob  a 
threabhadh  cho  maith  ri  m'  chiomhearsnaich, 
ach  ged  bhiodh  e  na  bu  shaoire  dhomh  an 
obair  sin  a  dheanamh  le  tractor  seach  le  eich, 
is  fhe^rr  learn  gu  mor  a  bhi  sealltuinn  air 
seisreach  a'  gluasad  le  ceum  statail  air  mo 
ghrunnd  na  bhi  cluinntinn  casdaich  an 
tractoir  sios  is  suas  air  an  dail,  fuaim  neonach 
an  4ite-duthcha. 

A  thuilleadh  air  sin  ni  paidhir  each  obair 
as  grinne  air  an  t-seorsa  gruinnd  a  tha 
agamsa  na  dheanadh  tractor,  agus  is  fhearr 
leam  grinneas  na  luathas .  Ach  ann  an  grunnd 
laidir  righinn,  riasg  anns  a  bheil  luachair,  no 
seileastar,  no  bunan-fraoich,  no  rainneach 
a'  fas,  ni  an  tractor  obair  na's  fhearr  na 
dheanadh  treabhaiche  air  an  t-saoghal. 
Ma's  aithne  do'n  fhear  a  tha  'g  a  oibreachadh 
a  ghnothuch  ;  ma  's  aithne  dha  na  croinn  a 
shuidheachadh  ceart,  ni  an  tractor  obair 
ro-mhaith  air  grunnd  air  bith. 

Anns  na  l^ithean  so  cha  ruig  thu  leas 
tractor  dhuit  fein  a  cheannach ;  faodaidh  tu 
an  tuarasdalachadh  air  gini  an  t-acair,  no 
rudeigin  mar  sin,  a  reir  an  astair  a  tha  thu  o 
bhaile. 

Cha  bhiodh  ann  ach  goraiche  do  dhuine 
air  bith  eich  a  chur  an  sas  ann  an  seana 
ghlasaich  a  tha  molach  le  feur  tioram  nach 
ith  beathaichean  ma  theid  aige  air  tractor 
a  thuarasdalachadh.  Agus  ma  tha  a  bheag 
aig  duine  de  fhearann  b'  fhiach  dha  tractor 
dha  fein  a  cheannach  agus  fear  na  dha  de 
na  h-eich  a  reic. 

Fearann  a'  dol  f^s. 

Tha  feum  mor  air  an  tractor  anns  a' 
Ghaidhealtachd  an  diugh  far  a  bheil  am 
fearann  air  dol  fas,  chan  ann  a  chionn  gu 
bheil  na  h-uachdarain  'g  a  chumail  o'n 
t-sluagh  ach  a  chionn.  nach  'eil  na  daoine  aig 
a  bheil  e  'ga  uisneachadh  no  'ga  oibreachadh 
gu  ceart.     Tha  tri  nithean  a  dh'  fheumas 


tuathanach  a  chur  anns  an  fhearann  m'  am 
bi  e  'na  thuathanach  maith,  airgiod,  obair, 
agus  eanchainn  ;  ach  is  ann  gle  annamh  an 
diugh  a  chi  thu  gu  leoir  a  dh'  airgiod,  no  gu 
leoir  a  dh'  obair,  no  gu  leoir  a  dh'  eanchainn, 
air  a  chur  anns  an  fhearann  leis  na 
tuathanaich.  Fearann  a  tha  air  bheagan 
stuic  a  chionn  nach  'eil  airgiod  aig  an 
tuathanach  a  cheannaicheas  stoc,  no  nach 
'eil  air  oibreachadh  gu  sgoinneil  a  chionn 
nach  dean  e  fein  obair  agus  nach  paigh  e 
seirbhisich  a  dheanadh  i,  sin  agad  fearann 
a  tha  air  a  dhroch  ghioUachd  agns  a  theid 
a  dholaidh  gu  luath.  Ach  ma  chumas  tu 
do  shuilean  fosgailte  chi  thu  an  seorsa 
tuathanachd  sin  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
gu  leir  an  diugh ;  talamh  anns  an  do  chuir 
Ni-maith  feartan  fais  ag  iarraidh  aire  agus 
obair  ach  'ga  iarraidh  gu  diomhain.  Chan 
abair  mi  gur  e  an  leisg  as  aobhar  nach  'eil 
an  obair  air  a  deanamh,  ach  is  e  rudeigin 
a  tha  gle  choltach  rithe,  an  gaol  a  tha  aig 
daoine  air  siubhal  agus  air  seanchas,  agus 
air  an  la  a   chur  seachad  gu  reidh. 

Is  e  tuathanaich  nan  caorach  an  f  headhainn 
as  miosa  air  fad,  ach  tha  a  bhuil ;  chan  'eil  ach 
gle  bheag  de  fhearainn-chaorach  an  diugh  a 
ghiulaineas  an  stoc  a  bha  orra  roimh  so. 
Leis  nach  'eU  obair  'ga  deanamh  tha  digean 
gun  ghlanadh,  garraidhean  gun  togail,  rain- 
neach a'  sgaoileadh  air  a'  mhonadh,  agus 
feur  a'  fas  cho  fiadhaich  's  nach  cuir  creutair 
fiacall  ann. 

An  tuathanach  agus  'ogha. 

An  cual  thu  riamh,  a  leughadair,  ciod  a 
thubhairt  seana  tuathanach  d'an  d'  fharraid 
ogha  fein  an  robh  miighadh  air  bith  eadar  an 
t-seana  ghineal  agus  a'  ghineal  6g  ? 

"  Tha  gun  teagamh,"  ars'  esan  ;  an  uair 
a  bha  mise  6g  bhitheamiad  ag  obair  sia 
uairean  deug  a  h-uile  Ik  's  an  t-seachduin. 
Di-domhnaich  bhitheamaid  ag  eirigh  aig 
coig  uairean  's  a'  mhaduinn  a  bhleoghan  a' 
chruidh.  An  sin  an  deidh  ar  braiceis  dh' 
fheumamaid  sinn  fhein  a  ghlanadh,  ar 
n-aodach  Sabaid  a  chur  oirnn,  agus  coiseachd 
ceithir  mile  do'n  eaglais,  far  am  bitheamaid- 
a'  seinn. 

Duisg  is  oibrich,  tha  'n  oidhch'  a'  teachd. 

Ach  an  diugh  chan  'eil  m'  oghachan  ag 
oibreachadh  ach  ochd  uairean,  ma  tha  iad  a' 
deanamh  sin  fhein.  Tha  laithean-feill  aca 
tri  no  ceithir  a  dh'  uairean  anns  a'  bhUadhna, 
Di-Sathuirn  aca  mu  reir  daonnan,  agus  cadal 


8 


ANNS  A'  CHOILLE   BHEITHE 


fada  Di-domhnaich,  agus  an  uair  annamh  a 
theid  iad  do'n  eagiais  theid  iad  innte  ann 
am  motor  car,  is  seasaidh  iad  a  dW  eisdeachd 
ri  coisir-chiiiil,  a  tha  an  coimhthional  a' 
paidheadh,  a'  seinn. 

BJieil  thu  sgith,  a  bheil  thu  daoidhte, 
Airtneulach  's  fo  phramh  ? 


Na  Deasaich. 

B'e  Iain  Caimbeul  a  thainig  a  lonar-Ar 
aon  de  na  ceud  thuathanaich-chaorach  a 
thainig  o'n  Deas  do'n  Ghaidljealtachd.  Ghabh 
e  baile  ann  an  Aird-chonghlais,  an  Earra- 
Ghaidheal,  air  an  do  chuir  e  seana  chaoraich 
a  bha  aige  ann  an  Cumnock,  an  lonar-Ar, 
is  fhreagair  an  grunnd  orra  oho  maith  is  dh' 
fhas  iad  cho  mor  's  nach  aithnicheadh  e  ann 
am  bliadhna  gur  e  na  h-aon  chaoraich  a 
bha  ann.  Shoirbhich  leis  cho  maith  anns 
a'  cheud  bhaile  a  ghabh  e  's  gu'n  do  ghabh  e 
baOe  as  deidh  baile  an  aitean  eile,  a'  sgaoileadh 
a  sgiathan  gus  mu  dheireadh  an  robh  uiread 
chaorach  aige  's  a  bha  aig  lob. 

Ged  a  thug  na  Deasaich  na  caoraich  o'n 
Deas  sheas  iad  gu  maith  air  a'  ghrunnd  ur 
air  an  do  chuireadh  iad  ;  cha  robh  a  bheag 
dhiubh  a'  basachadh.  Car  son,  ma  ta,  a  tha 
luchd-meas  an  diugh  a'  cur  punnd  Sasunnach 
an  ceann  (no  theagamh  barrachd)  air  caoraich 
a  chionn  gu  bheil  iad  air  an  deanamh  ris  a' 
ghrunnd.  Sin  agad  ceist,  a  leughadair,  a 
thogas  connsachadh  am  measg  thuathanach 
daonnan!  Is  ceist  i  ris  nach  'eil  mise 
a'  dol  a  ghabhail  gnothuich  ach  a 
mh^in  gu'n  abair  mi  so,  nach  d'  fhuair  gin 
de  na  tuathanaich  a  thainig  o'n  Deas  stoc 
chaorach  cheana  air  a'  ghrunnd  ;  thug  iad 
o'n  deas  iad,  o  thalamh  a  bu  ghuirme  agus  a 
b'  fhearr,  ach  air  a  shon  sin  sheas  na  caoraich 
gu  maith.  Cha  b'  ann  leis  a'  bhas  a  chaill 
iad  na  chaill  iad  dhiubh  ach  le  metrHch, 
agus  le  balgairean,  agus  le  bathadh  ann  am 
puUl-mhoine,  agus  le  driod-fhortain  eile 
de  'n  t-seorsa  sin.  Bha  an  talamh  glan,  is 
chan  'eil  talamh  glan  air  bith  basmhor. 


dol  air  ais.  Thug  na  caoraich  a  mhaith  as 
an  talamh,  am  maith  a  chuir  na  croitearan 
ann  leis  a'  chrann  no  leis  a'  chois-chruim. 

Fhreagair  grunnd  na  Gaidhealtachd  air  na 
caoraich  choigreach  moran  na  b'  fhearr  na 
fhreagair  na  tuathanaich  Ghallda  agus  na 
ciobairean  Gallda  air  muinutir  na  Gaidheal- 
tachd, a  bha  gu  maith  fuar  riu.  Chan  e 
mhain  gu  robh  iad  fuar  riu,  ach  bha  iad  air 
uairean  olc  riu.  Bhiodh  iad  a'  goid  nan 
caorach  orra  ;  anns  na  laithean  ud  cha  robh 
goid-chaorach  air  a  chunntas  'n  a  mheirle 
cho  narach  's  a  tha  e  an  diugh,  gu  sonraichte 
ma  bha  iad  air  an  goid  o  Ghall  beartach  a 
thug  an  greim,  mar  gu'm  b'  eadh,  a  beul 
dhaoine  bochda  a  chaiU  am  beagan  fearainn 
a  bha  aca  an  uair  a  thainig  esan  do'n  tir. 


Meirlich.chaorach . 

Uair  a  thachair  Iain  Caimbeul  agus  fear 
de  na  Morairean  Dearga  air  a  cheile,  agus 
am  Mor  air  a'  dol  a  shuidhe  anns  a'  Chuirt 
an  lonar-Aora,  thubhairt  Iain  Caimbeul  ris, 
"  Tha  mi  a'  cluinntinn  gu  bheil  meirleach- 
chaorach  ri  bhi  air  beulaibh  'ur  Morachd  am 
maireach."  "  Ma  tha,"  ars  am  Morair, 
"  cha  ruig  thu  a  leas  eagal  a  bhi  ort  nach 
crochar  e,  ma  tha  e  ciontach."  "  Air  a 
chrochadh!"  ars  Iain  Caimbeul,  "bhiodh  e 
cho  maith  dhuibh  toiseachadh  air  na  cuileagan 
a  chrochadh  ri  bhi  a'  crochadh  muinntir  an 
aite  so  air  son  goid-chaorach  ;  tha  iad  uile 
'g  an  goid,  agus  'g  an  goid  le  gamhlas." 

Bu  chaomh  agus  bu  chitiin  an  duine 
Donncha  Ban  ach  thug  e  a  bheannachd  do 
na  balgairean  a  bhiodh  a'  ruagadh  nan 
caorach. 

Mo  bheannachd  aig  na  balgairean, 
A  chionn  bhi  sealg  nan  caorach. 

An  iad  na  caoraich  cheann-riabhaoh 
Rinn  aimhreit  feadh  an  t-saoghail. 

Am  fearann  a  chuir  fas  oirnn 
'S  am  mal  a  chur  an  daoiread. 

Tha  h-uile  seol  a  b'abhaist 

Anns  a'  Ghaidhealtachd  air  caochladh. 


Feurach  a'  dol  air  ais. 

Is  ann  mu  1850-1870  a  thoisich  daoine 
beachdail  ak  toirt  fainear  nach  giiilaineadh 
bailtean- chaorach  an  stoc  a  ghiiilaineadh  iad 
aon  uair,  agus  tha  fhios  aig  an  t-saoghal  an 
diugh  gu  bheil  feurach  na  Gaidhealtachd  air 


B'  fhearr  le  Donncha  Ban  na  feidh  na  na 
caoraich,  ach  an  diugh  tha  am  fiadh  air  a 
chunntas  'na  namhaid  as  miosa  do'n 
Ghaidhealtachd  na  na  caoraich.  Ach  theag- 
amh gur  fheairrd  na  feidh  fhein,  agus  na 
caoraich,  agus  gu  sonraichte  na  daoine,  an 
tractor  a  thighinn  do'n  tir.  Bha  an  t-am 
aige  tighinn,  oir  tha  feum  gn  leoir  air. 


Aireamh  2 


1940 


C'uin  a  thig  a'  Mhaduinn 

"  Tha  Dia  'n  a  7neadhon  ;    cuidichidh  Dia  leatha  an  uair  a  thig  a'  mhaduinn." 

— Salm  xlvi.,  5. 


THA  e  nadurra  do  mhac  an  duine  a  bhi  ag 
urniiigh  ri  Dia  an  uair  a  tha  cunnart  a' 
bagradh  air.  An  uair  a  tha  cuisean  a'  dol 
leinn  gu  niaith  tha  sinn  ullamh  gu  bhi  a' 
cur  ar  n-uile  earbsa  'n  ar  neart  fein,  ach  ann 
an  la  na  h-airce  tionndaidhidh  anam  an 
duine  gu  nadurra  ri  Dia,  ag  iarraidh  cobhair 
is  taic.  Chan  e  is  ciall  do'n  tionndadh  sin 
gu  bheil  saobh-chreideamh  no  gealtachd  'g 
ar  n-iomain  gu  cathair  nan  gras,  an  uair  a 
tha  sinn  ann  an  cuil  chumhainn,  ach  gu 
bheil  urnuigh,  mar  thubhairt  mi  cheana, 
nadurra  do  mhac  an  duine  ;  cho  duthchasach 
dha  's  a  tha  seinn  .do'n  eun,  no  snamh  do'n 
iasg. 

"  lomadh  uair,"  arsa  Abraham  Lincoln, 
"  bha  mi  air  mo  cho-eigneachadh  gu  dol  air 
mo  ghliiinean  a  chionn  nach  robh  aite  eile 
ann  dhomh  ach  sin  ;  laithean  dorcha  arms 
nach  robh  feum  dhomh  ann  am  ghliocas,  no 
ann  an  gliocas  nan  daoine  eile  a  bha  timchioU 
orm." 

Urnuigh  Heseciaih. 

Dh'  fhaodadh  an  righ  Heseciah  an  ni 
ceudna  a  radii  an  uair  a  mhaoidh  feachd 
Asiria  gu'n  cuireadh  iad  Jerusalem  gu  lar  ; 
an  la  dorcha  anns  an  do  rinn  e  an  urnuigh 
so, — 

0  lehobhah  Dhe  Israeil,  a  tha  d'  shuidhe 
air  na  ceruban,  is  tu  fdin  Dia,  thusa  a'd' 
aonar,  Dia  uile  rioghachdan  na  talmhainn, 
is  tusa  a  rinn  na  neamhan  agus  an  talamh  ; 
aom  do  chluas  agus  disd  .  .  .  teasairg  sinn 
guidheam  ort,  a  laimh  Shenacherib,  a  chum 
gu'm  bi  fios  aig  uile  rioghachdan  na 
talmhainn  gur  tusa  lehobhah  Dia,  thu 
fein  ad  aonar. 

Gheibh  thu  an  naidheachd  so,  a  leughadau", 
ann  an  dara  Leabhar  nan  Righrean  (caib 
xix.)  far  a  bheil  e  air  innseadh  mar  chuir 
Senacherib,  righ  Asiria,  ■  teachdaireachd 
mhiomhail  gu  Heseciah,  righ  ludaih,  ag 
iarraidh  aii-  striochdadh  dhasan,  agus  baile 
Jerusalem  a  thoirt  suas  dha. 

Chaidh  Heseciah  do  thigh  an  Tighearn, 
agus  rinn  e  an  urnuigh  ud,  a'  guidhe  air  Dia 
a  theasairginn  o  bheul  an  leomhainn.  A 
thuUleadh  air  sin  chuir  e  a  chomhairle  ri 
Isaiah,    faidh    an    Tighearna,    agus    b'e    a 


chomhairle-san  diilain  a  thoirt  do  righ 
Asiria,  oir  chunnaic  e  ann  an  spiorad  na 
faistneachd  gu  robh  Dia  a'  dol  a  nochdadh  a 
chumhachd  as  leth  Israel. 

Is  ann  mar  sin  a  bha.  "  Air  an  oidhche 
sin  fein  chaidh  aingeal  lehobhah  a  mach, 
agus  bhuail  e  ann  an  camp  nan  Asirianach 
ceud  agus  ceithir  fichead  agus  coig  mile  : 
an  uair  a  dh'eirich  daoine  gu  moch  anns  a' 
mhaduinn,  feuch  bha  iad  uUe  'n  an  cuirp 
mharbha." 

Aingeal  an  Tighearna. 

A  reir  gnaths  luchd-eachdraidh  nan 
ludhach  tha  am  fear  a  dh'  innis  an  naidheachd 
so  ag  radh  gur  e  aingeal  lehobhah  a  rinn  am 
marbhadh  uamhasach  so,  ach  faodaidh  am 
facal  "  aingeal  lehobhah "  fichead  rud  a 
chiallachadh  ;  teuie  agus  clach-mheallain  ; 
gaoithean  agus  tuiltean  ;  tairneanach  agus 
dealanach ;  plaigh  agus  gort ;  agus  cumh- 
achdan  nadurra  eile, — tha  iad  uUe  'n  an 
spioradan-frithealaidh  do  Dhia,  'n  an  ainglean 
a  chuireas  an  geiU  a  thoU.  Ach  ciod  air  bith 
an  doigh  anns  an  d'thainig  an  lom-sgrios  ud 
an-  feachd  Asiria  tha  e  soilleir  gu  robh 
freasdal  an  Tighearn  ag  oibreachadh  as  leth 
a  shluaigh,  agus  gu'n  do  shaor  e  Heseciah 
agus  a  dhuthaich  an  uair  a  bha  iad  ann  an 
eiginn  chruaidh. 

An  deidh  laimhe  rinn  bard  diadhaidh  air 
chor-eigin  an  t-salm  sholuimte  is  mhaiseach 
so,  a  thoirt  molaidh  do  lehobhah  anns  an 
teampull  air  son  na  buadha, — 

'S  e  Dia  as  tearmunn  duinn  gu  beachd, 

Ar  spionnadh  e's  ar  treis  ; 

An  aimsir  carraid  agus  teinn 

Ar  cobhair  e  ro-dheas. 

Tha  Dia  nan  sluagh  ri  comhnadh  leinn 

^S  an  comhnuidh  air  ar  crami ; 

Is  e  Dia  lacoib  's  tearmunn  duiim 

'G  ar  furtachd  anns  gach  am. 

Ged  bu  mhor  neart  Shenacherib  agus  ged 
bu  lionmhor  a  dhaoine  bha  'uaill  air  a  cur 
anns  an  duslaich,  oir  chan  ann  a  mhain  an 
aghaidh  Heseciah  a  thog  e  a  lamh  ach  an 
aghaidh  an  De  bheo  mar  an  ceudna,  ach  an 
uair  a  dh'eireas  eadhon  righrean  cumhach- 
dach  an  aghaidh  Righ  nan  dial,  is  ion  dhaibh 
eagal  a  bhi  orra  'n  a  lathair-san,  a  thogas 
suas  na  h-eUeanan  mar  smuirnean. 


C'UIN  A  THIG  A'  MHADUINN— ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  na  laithean  so,  an  nair  a  tha  duine 
as  cumhachdaiche  na  Senacherib  a'  maoidh- 
eadh  saorsa  an  t-saoghail  a  mhilleadh,  agus 
lamhachas-laidir  a  dheanamh  air  uile 
rioghachdan  an  domhain,  bu  choir  duinn  ar 
guth  agus  ar  cridhe  a  thogail  ri  Dia  ann  an 
urnuigh  mar  rinn  Heseciah  ;  agus  bu  choir 
duinn  an  naidheachd  so  a  ghabhaU  gu  cridhe, 
a  chum  ar  creideamh,  agus  ar  misneach,  agus 
ar  diorras  a  neartachadh.  Oir  tha  sinn  uile 
a'  creidsinn,  a  dh'  aindeoiii  gach  failing  is 
peacadh  a  dh'  fhaodar  a  chur  as  ar  leth  mar 
rioghachd,  gu  bheil  ar  lamhan  na's  gloine  na 
lamhan  ha  GearmaUte  anns  a'  chogadh  so, 
agus  nach  e  mhain  gu  bheil  Hitler  a'  saltairt 
air  lagh  dhaoine  agus  air  coraichean  dhiith- 
channa  beaga  ach  gu  bheil  e  mar  an  ceudna 
a'  saltairt  air  lagh  Dhe,  agus  air  coraichean 
a'  chinneadh-daonna. 

An  uair  a  sheallas  sinn  air  neart  an  airm 
a  tha  fo  laimh  chan  'eil  e  furasd  a  radh  c'  uin, 
no  ciod  an  doigh  anns  an  gabh  an  t-arm  sin 
ciosnachadh,  ach  an  uair  a  smuainicheas 
sinn  air  aobhar  na  h-iorghuUl  agus  air  na 
nithean  a  tha  an  crochadh  ris  an  tapaid 
chan  urrainnear  a  chreidsinn  gu'm  faigh  e  a 
thoil,  no  gu  'n  soirbhich  leis  ;  co  dhiu,  chan 
urrainnear  a  chreidsinn  gun  iomadh  diiil 
mhaith  is  dochas  diadhaidh  a  bha  sinn  ag 
altrum  a  thilgeadh  bhuainn. 

Is  e  saorsa  ni  as  priseile  air  an  t-saoghal ; 
saorsa  cuirp,  saorsa  inntinn,  saorsa  anama  ; 
agus  tha  e  eu-comasach  a  chreidsinn  gu  'm 
bi  soirbheachadh  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
aig  duine  no  aig  duthaich  a  thogas  an 
gairdean  a  thoirt  saorsa  bho  'n  t-saoghal. 
Theagamh  gu  robh  sinn  uile  an  diiil  gu  'n 
gabhadh     saorsa     faotainn     gun     phris     a 


phaigheadh  ;  ach  ma  bha,  chuireadh  as  an 
diiil  sin  sinn  anns  na  bliadhnachan  so,  oir 
tha  sinn  a'  faicinn  nach  fhaighear  saorsa  gun 
dortadh  fala,  agus  nach  ciosnaichear  uaUl  is 
fein-thoil  Hitler  gun  mhoran  falluis  is  sgiths 
is  amhghar. 

"  Tha  Dia  'na  meadhon ;  cuidichidh  e 
leatha  an  uair  a  thig  a'  mhaduinn."  Tha 
mi  an  duil  gu  'm  faod  sinn  briathran  an 
t-salmadair  a  chleachdadh  mu  ar  dtithaich 
fein.  Mur  bheil  Dia  leinn  chan  'eU  coir  air 
bith  againn  a  bhi  ag  iirnuigh  air  son  na 
buadha  ;  mur  bheil  Dia  leinn  is  e  an  rud  a 
b'  fhearr  a  b'  urrainn  tachairt  sinn  a  dhol 
sios.  Ach  ma  tha  Dia  leinn  agus  'n  ar 
meadhon— agus  mar  thuirt  mi  cheana  tha 
sinn  a'  creidsinn  gu  bheil  cudthrom  a' 
cheartais  agus  na  firinn  agus  na  h-onoir  air 
ar  taobh — faodaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  gu 
bheil  feartan  neo-fhaicsinneach  an  Tighearna 
cheana  ag  oibreachadh  as  ar  leth,  agus  gu  'n 
cuidich  e  sinn  an  uair  a  thig  a'  mhaduinn. 

Ach  is  fhada  an  oidhche  gu  maduinn  do  'n 
duine  a  tha  gun  fhois  le  plan.  Anns  an 
dorchadas  their  e  le  osna,  "  0 !  nach  b'  e  a' 
mhaduinn  a  bha  ann!"  Cuiridh  Dia  a' 
mhaduinn  thugainn  an  uair  a  thig  an  t-am. 
Chan  e  mhain  gu  'n  cuidich  e  leinn,  ach  ni  e 
sin  daonnan  aig  an  am  cheart.  Cha  tig  e  ro 
thrath  air  eagal  nach  fairich  sinn  ar  feum 
air  ;  ach  cha  tig  e  ro  anmoch  air  eagal  gu  'n 
toir  sinn  thairis.  Thig  e  anns  a'  mhaduinn, 
oir  chan  ainm  ainm  air  bith  eile  do  theachd 
an  Tighearna  ach  a'  mhaduinn.  "  Tha 
lehobhah  cothromach  'na  meadhon ;  cha  dean 
esan  eucoir ;  anns  a'  mhaduinn  bheir  e 
breitheanas  gu  solus  ;   chan  fhailnich  e." 


Anns  a'  Chathair 


IS  e  an  da  lagh  a  b'fhearr  do'n  Ghaidhealtachd 
a  rinneadh  riamh  anns  a'  Pharlamaid  Achd 
nan  Croitearan  agus  Pension  na  seann  aoise. 
Ged  a  bhios  daoine  a'  faotainn  coire  do'n 
Pharlamaid  air  son  a  bhi  a'  taomadh  iomadh 
seorsa  deirce  ann  an  uchd  dhaoine  leasga 
nach  bu  chok'  do'n  diithaich  a  bhi  gabhail 
romhpa  cha  chluinnear  ach  gle  annamh 
duine  a'  gearan  gu  bheil  tuUleadh  's  a  choir 
de  mhaoin  na  rioghachd  air  a  chosd  ann  am 
pensions  do  sheann  daoine.  An  uair  a  tha 
an  lagh  an  a  dheanamh  air  son  na  rioghachd 
uile  chan  'eil  e  furasda  rim  an  lagha  a  chur  an 
geill  gu  cothromach,  is  theagamh  gu  bheil 
feadhainn  a'  faotainn  pension  na  seann  aoise 
aig  nach  'eil  coir  air  bith  air  fhaotainn,  no 
air  a  ghabhaU,  ach  air  a  shon  sin  is  e  lagh 


ceart  agus  caomhail  a  tha  ann,  agus  tha 
cridhe  agus  coguis  na  rioghachd  'ga  sheasamh. 
Ma  tha  ministear-sgire  a'  deanamh  a 
dhleasdanais  chan  'eil  duine  eile  d'  an  aithne 
seann  daoine  agus  bochdan  na  sgire  cho  maith 
ris,  air  chor  agus  gu  bheil  e  a'  faicinn  a 
h-uile  la  d'a  bheatha  cho  lionmhor  's  a  tha 
na  seann  daoine  d'  am  biodh  an  aois  'na 
h-eagal  agus  'na  h-uaUach,  mur  b'e  am 
pension.  Ach  leis  a'  phension  tha  an  inntinn 
aig  fois  ;  tha  iad  a'  fas  misneachail  agus 
laidir  agus  toUichte  a  chionn  gu  bheil  iad 
neo-eisiomaileach. 

Mairi  DhdmhnuUach. 

Ged  nach  b'  aithne  dhomhsa  neach  eile 
riamh    ach    am    boirionnach    ciuin,    Mairi 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Dhomhnullacli,  d'  an  robh  pension  na  seann 
aoise  'na  thaic  bheannaichinn  ainm  an  f  hir  a 
rinn  an  lagh  caomhail  so.  Shiubhail  Mairi 
o  chionn  sheachcl  bliadhna,  acli  fada  m'  an 
do  shiubhail  i  bhiodh  i  ag  innseadh  dhomh 
gu'm  b'  ise  an  te  mu  dheireadh  de  theaghlach 
a  h-athar  a  bha  beo.  Cha  robh  duine  a 
bhuineadh  dhi  aig  an  tiodhlacadh  ;  bha  a 
corp  air  a  thiomnadh-  do'n  duslaich  ann  an 
cladh  Chille-sgumain  le  lamhan  choigreach, 
agus  mar  sin  faodaidh  mi  innseadh  mu 
chiirsa  a  beatha,  gun  oilbheum  a  thoirt  do 
neach  air  bith  a  tha  beo  an  diugh. 

Rugadh  i  an  Inbhir-Theorsa  an  Gallaibh, 
ach  is  ann  a  Leodhus  a  thainig  a  h-athair 
(agus  theagamh  a  mathair  cuideachd)  agus 
bha  bias  Gaidhlig  Leodhuis  air  a  bruidhinn 
gu  la  a  bais.  Bha  a  h-athair  'na  dhuine 
diadhaidh  ;  an  la  a  dh'fhag  i  fhein  agus 
Anna  a  piuthar  an  dachaidh  a  dhol  'g  an 
cosnadh  do  Dhun-eideann  chaidh  e  leo  gu 
ceann  an  rathaid,  agus  aig  ceann  an  rathaid 
chaidh  e  air  a  ghluinean,  a  dh'iirnuigh  gu'm 
biodh  beannachd  an  Tighearna  maille  riu, 
agus  a  dhion  thairis  orra,  far  an  robh  iad 
a'  dol. 

Fhuair  iad  le  cheile  aite  an  tighean  maith 
ann  an  Dun-eideann,  far  an  robh  meas  mor 
orra  mar  shearbhantan  dileas  sgoinneil  a 
bha  oho  firinneach  onorach  ri  solus  na 
greine.  An  uair  a  bha  Anna  deich  bliadhna 
'ga  cosnadh  ghabh  i  fiabhrus-dearg  is 
shiubhail  i,  ach  cha  robh  aice  a  dh'airgiod 
ach  na  chuir  fo'n  uir  i,  oir  bha  iad  le  cheile 
maith  d'  am  parantan  agus  do  dhaimhich 
eile  ann  an  Inbhir-Theorsa  aig  an  robh  feum 
air  cuid^achadh.  Bha  brathair  aca  aig  an 
robh  deichnear  chloinne  agus  bean  gun 
sgoinn,  a  bha  air  a  bhathadh  aig  iasgach  an 
sgadain  ann  an  Sealtainn,  ach  bheathaich 
agus  chomhdaich  iad  eatorra  an  teaghlach 
mor  ud  gus  an  tainig  iad  uile  gu  ire  cosnaidh. 

Posadh  Mairi. 

Bha  Mairi  fichead  bliadhna  anns  an  aon 
tigh- cosnaidh,  agus  cha  chuireadh  e  ionghnadh 
oirre  fhein  no  air  daoine  eUe  na'n  abradh  tu 
gu'm  biodh  i  ann  gu  brath.  Cha  robh  dad 
eile  'n  a  beachd  agus  cha  mho  a  bha  i  an  duil 
gu'm  posadh  i  ;  "  ach  air  a  shon  sin,"  ars' 
ise,  la  a  bha  sinn  a'  bruidhinn  ri  cheile, 
"  phos  mi,  agus  b'  fhearr  dhomh  nach  do 
phos  ;  bhiodh  e  na  bu  ghlice'dhomh  fantuinn 
mar  bha  mi." 

"  Na'm  b'aithne  dhuinn,"  thubhairt  mi 
rithe,  "  ciod  a  tha  air  thoiseach  oirnn 
bhitheamaid  uile  na's  glice  na  tha  sinn,  is 
sheachnamaid  iomadh  sloe  anns  an  do 
thuit    sinn,    agus   gun   fhios   againn   gur    e 


sloe  a  bha  ann,  ach  theagamh  gu  robh 
duil  agaibh-se  aig  an  am  gu'm  faigheadh 
sibh  sonas  agus  saorsa  ann  an  staid  a' 
phosaidh." 

'■  Bha  mise,"  ars'  ise,  "  ochd  bliadhna 
deug  air  fhiohead  an  uair  a  phos  mi,  agus 
cha  b'e  diiil  ri  sonas  no  saorsa  a  thug  orm  mi 
fhein  a  cheangal  ri  fear,  no  idir  gaol  a  bhi 
agam  air." 

"  Ciod  eile,  ma  ta,  a  thug  oirbh  a 
dheanamh  ?  "  thubhairt  mi  rithe. 

"  0,  a  bhroinein,"  ars'  ise,  "  tha  iomadh 
rud  anns  an  t-saoghal  nach  aithne  dhuitsa, 
agus  nach  biodh  feum  ann  domhsa  innseadh 
dhuit,  ach  chaidh  mise  agus  an  duine  comhla 
a  chionn  gu  bheil  ionndrainn  ann  an  cridhe 
gach  te  air  an  t-saoghal  air  na  tri  nithean  so, 
fear  agus  dachaidh  agus  leanabh  dhi  fhein. 
Sin  agad  trianaid  nam  ban." 

Saor-thighean. 

Ach  mur  robh  teas-gliaol  aig  Mairi  air  an 
fhear  a  phos  i  cha  mho  a  bha  teas-ghaol 
aige-san  oirre.  Bha  Niall  Domhnullach  mu 
dha  fhichead  an  uair  a  thachair  iad  air  a 
cheile ;  air  a  chumitas  mar  fhear  de  na 
saoir-thighean  a  b'fhearr  an  Dim-eideann  ; 
fear-ceirde  aig  an  robh  lamh  ghrinn  ach  a 
bha  gaolach  air  an  uisge-bheatha.  Chuir  a 
mhaighstir  e  do'n  tigh  anns  an  robh  Mairi 
'g  a  cosnadh,  a  dheanamh  obair  fhinealta 
air  chor-eigin  ;  agus  m'an'robh  e  ann  ach 
da  la,  thoisich  an  aon  smuain  air  eirigh  ann 
an  inntinn  agus  ann  an  aigne  na  dithis. 
Bha  Mairi  'n  a  boirionnach  arcl,  sultmhor, 
dreachmhor ;  bha  fuil  ghlan  innte  agus 
flath  na  slainte  air  a  h-aodann,  is  thubhairt 
Niall  Domhnullach  ris  fhein  gu'm  bu  mhaith 
a'  bhean-tighe  agus  an  eompanach  a  dheanadh 
i  do  fhear-oibre  seach  na  siolagan  caola, 
gias-neulach,  ris  am  biodh  e  a'  tachairt  anns 
a'  bhaile.  Agus  thubhairt  e  ris  fhein 
cuideachd  gu  robh  an  Ian  am  aige  a  nis  dol 
air  thigheadas  dha  fhein,  agus  stad  d'a 
ghoraiche. 

Chord  coslas  Neill  ri  Mairi,  oir  bha  e  'na 
dhuine  mor  gasda,  agus  fiamh  coibhneil, 
ceanalta,  air  a  ghniiis,  is  thubhairt  i  rithe 
fhein  gu'm  b'e  diobhail  a  bha  ann  e  bhi  gun 
dachaidh  dha  fhein,  agus  gun  te  a  ghabhadh 
cur  am  dheth.  Aon  mhaduinn  a  thainig  e 
gu  obair  agus  aileadh  an  uisge-bheatha 
dheth  gu  laidir  cha  bhruidhneadh  i  idir  ris, 
ach  m'an  tainig  am  feasgar  bha  i  ag  radh 
rithe  fhein  (mar  thubhairt  na  miltean  de 
mhnathan  gorach)  gur  e  bean  a  bha  dhith 
air,  agus  gu'n  stadadh  a  de'n  61  na'n  robh 
bean  sgoinneil  aige  agus  blaths  is  comh- 
fhurtachd    aig    a    theine    fein.     Och !     och ! 


ANNS  A'  CHATHAIK 


nach  beag  is  aithne  do  na  boirionnaich 
doighean  an  drongair  agus  puinnsean  na 
dibhe! 

Dachaidh  bhronach. 

Acli  gus  mo  naidheachd  a  ghiorrachadh 
phos  Niall  agus  Mairi,  ach  ma  phos,  bha  iad 
air  an  ceangal  ri  cheile  gu  neo-chothromach, 
oir  bha  beusachd  agus  banalachd  'na 
h-aoraibh-se  gu  nadurra,  ach  chaill  esan  a 
dhuinealas  gu  buileach  leis  an  deoch. 
Fhuair  an  truaghan  na  tri  nithean  a  bha  a 
cridhe  ag  ionndrainn,  fear  dhi  fhein,  agus 
dachaidh  dhi  f  hem,  agus  ri  uine  leanabh  dhi 
fhein  'n  a  broilleach,  ach  'n  an  cois  fhuair  i 
carraid  agus  briseadh-cridhe. 

Theirear  ris  a'  cheud  bhhadhna  a  tha 
caraid  posda  bliadhna-nam-pdg,  ach  fada  m' 
an  do  ruith  a'  bhhadhna  bha  dachaidh 
Mkixi  fuar  agus  lorn,  lorn  gu  htireil  oir  dh' 
61  Niall  a  h-uile  ball  de'n  earnais  a  chuir  i 
anns  an  tigh  as  a  cosnadh  fhein,  gu  ruige  na 
tiodhlacan-bainnse  a  fhuair  i.  Cha  robh  an 
leanabh  beo  ach  coig  seachduinean  ;  an  uair 
a  rugadh  e  bha  Niall  fad  dheich  laithean  air 
an  daoraich  ;  is  bha  e  cho  mor  an  athar  na 
dubh-dhaoraich  sin  's  nach  do  rinn  e  car 
oibre  fad  mios.  Ghabh  e  an  ath  dhaorach  an 
oidhche  a  shiubhail  an  leanabh,  agus  cha  b' 
urraion  dha  dol  a  dh'ionnsuidh  an  tiodh- 
lacaidh.  Is  e  coimhearsnach  a  ghiulain  a' 
chiste  bheag  'n  a  achlais  do'n  chladh. 

Uair  a  bha  i  ag  innseadh  dhomh  mu'n 
amhghar  a  dh'  fhuUing  i  aig  an  am  ud  d'a 
beatha  dh'fhaighnich  mi  dhi  am  bitheadh  i 
a'  faotaimi  cadaU  anns  na  seachduinean  a 
bu  truaighe  a  cor.  "  0,  ghaolaich,"  ars'  ise' 
"  feumaidh  gu'm  bithinn  a'  cadal  gun  fhios 
dhomh,  oir  tha  iad  ag  radh  nach  bi  neach  fada 
beo  gun  chadal,  air  neo  gu'n  teid  e  as  a 
chiaU.  Ach  an  uair  a  chaill  mi  mo  leanabh 
bhithinn  a'  guidhe  ri  Dia  e  'g  am  chumaU  'n 
am  dhiisgadli  air  eagal,  na'n  caidihnn,  gu'm 
faicinn  'n  am  bhruadar  mo  leanabh  'n  am 
bhroilleach  a  ris,  agus  gu'n  duisginn  's  gun  e 
arm.  0,  bhroinein,  is  duilich  do  mhathair 
cadal  ma  tha  a  broilleach  Ian,  agus  a  cridhe 
falamh  agus  briste  ;  is  duilich  dhi  cadal  anns 
an  aon  leabaidh  ri  a  leanabh  marbh  agus  a 
duine  air  mhisg." 

La  na  saorsa. 

Ach  ged  nach  b'e  bhadhna-nam-pog  a 
bha  anns  a'  bhhadhna  ud  do  Mhairi  ach 
bUadhna  na  daorsa  chaidh  i  seachad,  agus 
m'an  do  chriochnaich  an  ath  bhliadhna,  bha 
Niall  marbh.  Bha  ainm  fada  agus  aiom 
riomhach  aig  lighichean  an  ospadail  air  an 


tumeas  a  chuir  crioch  air,  ach  chan  e  rud  air 
bith  eile  a  chuir  as  dha  ach  an  deoch. 

Chaidh  Mairi  air  a  h-ais  do'n  tigh  anns  an 
robh  i  'na  searbhanta  m'an  do  phos  i ; 
bhiodh  a  ban-mhaighstir,  a  bha  anabarrach 
measail  oirre  agus  anabarrach  coibhneil 
rithe,  a'  dol  'g  a  faicinn  fad  na  h-uine  a  bha 
i  posda,  agus  a  cheart  cho  luath  's  a  shiubhail 
Niall  dh'iarr  i  oirre  tighinn  air  a  h-ais  do'n 
teaghlach  aca  fhein. 

Sin  mar  bha  ;  dh'fhan  i  comhla  riu,  mar 
aon  dhiubh  fein,  gus  an  robh  an  dachaidh 
air  a  briseadh.  Shiubhail  na  seann  daoine  ; 
chaidh  triiiir  de  na  mic  agus  aon  de  na 
nigheanan  do  na  h-Innsibh  an  Ear,  agus  cha 
robh  air  fhagail  dhiubh  anns  an  duthaich  so 
ach  aon  mhac  nach  robh  posda,  a  bha  a' 
fuireach  ann  an  Lunnainn,  agus  nighean  a 
bha  posda  aig  marsanta-iaruinn  ann  an 
Glaschu. 

Is  ann  comhla  ris  an  nighinn  sin  a  bha 
Mairi  anns  na  bliadhnachan  mu  dheireadh, 
ach  an  uair  a  shiubhail  a  ban-mhaighstir  agus 
a  bha  Mairi  fhein  air  fas  crom  agus  crtibach 
leis  an  loinidh  bhruidhinn  am  marsanta- 
iaruinn  ris  a'  Choirneal  mu  Mhairi,  uair  a 
bha  an  Coirneal  agus  a  bhean  aig  dinnear 
mhor  ann  an  Glaschu,  agus  is  e  a  thainig  as 
a'  bhruidhinn  sin  gu'n  tug  an  Coirneal  tigh 
beag  grinn  dhi  ann  an  Cille-sgurnain,  cho  fad 
's  bu  bheo  i.  Cha  robh  an  tigh  mor  no 
riomhach,  ach  cha  mho  a  bha  am  mal  mor, 
agus  cha  ruigeadh  an  Coirneal  a  leas  a  thoirt 
dhi  idir,  mur  b'e  sin  a  thoO.  mhaith  fhein,  oir 
cha  bhuineadh  i  do'n  aite  no  d'a  oighreachd. 
Sin  mar  fhuair  mise  eolas  air  mo  bhan- 
charaid  ghaolach,  Mairi  Dhomhnullach,  'na 
seann  aois,  agus  is  e  a  beul  fhein  m'urrainn 
air  son  nan  nithean  a  tha  mi  a'  cur  sios  air  an 
duilleig  so,  nithean  a  bhiodh  i  ag  innseadh 
dhomh  an  uair  a  bhithinn  a'  tadhall  oirre, 
agus  a'  fantuinn  iiine  mhaith  comhla  rithe. 

Tigh  nam  bochd.^ 

Anns  na  seann  laithean  bhiodh  Mairi  (aig 
nach  robh  duine  a  shealladh  'na  deidh)  air  a 
cur  do  Thigh  nam  bochd,  no  ann  an  ctiil  air 
chor-eigin  an  tigh  duine  eUe,  ach  le  pension 
na  seann  aoise,  agus  beagan  a  chuir  i  mu 
seach,  agus  coimhearsnaich  choibhneil,  bha 
i  ann  an  sud  gu  sona  toiHchte  aig  taobh  a 
teine  fein,  ag  eirigh  agus  a'  laighe  an  uair  a 
thogradh  i,  agus  comas  aice  cupan  tea  a 
thairgsinn  do  dhuine  air  bith  a  bha  feumail 
air,  no  a  bu  toigh  leatha.  An  uair  a  tha 
boirionnach  grinn  air  a  cur  do  Thigh  nam 
bochd,  no  air  a  cur  ann  an  suidheachadh  air^ 
bith  eile  anns  nach  urrainn  i  cupan  tea  a 
dheanamh  dhi  fhein  no  do  dhaoine  eUe,  tha 


ANNS  A'  CHATHAIR— DORLACH  BHIOKAN 


crannchur  a'  bhoirionnaich  sin  cruaidh  ;  tha 
i  mar  gu'm  biodh  ban-righ  a  chuireadh 
bharr  a'  chruin. 

A  h-uile  uair  a  rachainri  'g  a  faicinn  bhiodh 
i  ag  iarraidh  orm  leigheas  a  thoirt  dhi  air 
son  na  loinidh,  ach  bhithinn  ag  radh  rithe 
nach  robh  air  an  loinidh  ach  aon  leigheas,  a 
bhi  ag  r^dh  rithe  fhein  fad  an  latha  nach  'eil 
a  leithid  de  ni  agus  loinidh  ann.  "0, 
ghaolaich,"  theireadh  i  rium,  "  b'fhearr 
leamsa  an  loinidh  fhein  fhulang  seach  dol  as 
mo  chiail." 

Am  bitheantas,  mar  is  sine  tha  daoine  a' 
fas  tha  iad.a'  fas  na's  curamaiche  agus  na's 
cruaidhe  mu  airgiod,  ach  cha  b'ann  mar  sin 
a  bha  Mairi.  Bha  i  fialaidh  leis  a'  bheagan 
a  bha  aice,  agus  coma  mu  bhi  a'  caomhnadh 
nan  sgUlinnean  ach  a  mhain  gu'm  bu  mhaith 
leatha  fhagaU  'na  deidh  na  chuireadh  fo'n 
talamh  le  grinneas  i.  Dh'earb  i  riumsa  a' 
chuid  so  a  dheanamh  air  a  son,  agus  gheaU 
mi  dhi  gu'm  biodh  a  h-uile  ni  air  a  dheanamh 
mar  bu  mhaith  leatha.  "  Ma  thachras  dad 
dhomhsa," — sin  an  doigh  anns  am  biodh  i 
daonnan  a'  toiseachadh  air  bruidhinn  mu 
uair  a  siubhail.  Theireadh  i  rium  gu  robh  i 
cinnteach  gur  ann  aims  an  oidhche  a  thigeadh 
a'  ghairm  okre,  agus  gu'n  tigeadh  i  gun 
fhios  dhi  fhein  no  do  neach  air  bith. 
Bhithinn-sa  ag  radh  rithe  gu'n  do  ghleidh 
Dia  nithean  diomhair  'n  a  chomhairle  fein 
a  mhain,  ach  theireadh  ise,  "  Tha  sin  ceart,  a 
ghaolaich,  ach  tha  fhios  agamsa  'n  am 
chridhe  fhein  gur  ann  'n  am  chadal  a  thig  an 
Teachdaire  'g  am  ionnsuidh." 

Ainglean  na  Nollaige. 

Mar  a  thubhairt,  b'fhior ;  an  oidhche 
roitnh  NoUaig  tha  ceol  nan  ainglean  air  a 
chluinntinn  anns  an  iarmailt  le  daoine 
bodhar  maol  nach  'eil  a'  creidsinn  anns  na 
h-ainglean  ach  aon  la  agus  aon  oidhche  's  a 
bhKadhna.  Bha  na  h-ainglean  a  mach  air 
an  turusan  an  Cille-sgumain  an  oidhche  ud, 
a'  tadhaU  an  sud  agus  an  so  ;  an  drasd  ann 
an  tigh  anns  an  robh  a'  chlann  a'  caoineadh  a 


chionn  nach  tigeadh  Santa  Glaus  chuca  am 
bliadhna,  agus  gun  an  athair  ag  obair,  agus 
a  ris  ann  an  tigh  a'  Choirneil  anns  nach  robh 
claim  idir,  ach  anns  an  robh  iomadh 
treathlaieh  a  dheanadh  clann  sona.  Ciod  air 
bith  a  rinn  na  h-ainglean,  anns  a'  mhaduinn 
an  uair  a  dh'eirich  a'  chlann  agus  a  thog  am 
mathair  a'  chluasag  a  bha  fo'n  ceann  bha 
rudan  fo'n  chluasaig  a  thug  air  an  cridheachan 
leum  le  moit,  agus  an  uair  a  dh'eirich  an 
Conneal,  an  aite  toiseachadh  air  Sociahsts 
agus  Pacifists  a  dhamnadh,  mar  b'abhaist 
dha,  chaidh  e  fhein  agus  a  bhean  air  an 
gluinean  a  dheanamh  urnuigh,  agus  ghuidh 
e  air  Dia  "  gu'n  cuidicheadh  tu  leinn  na 
nithean  a  fhuair  sinn  bhuait  a  roinn  riusan 
aig  nach  'eU  ach  dachaidhean  lom  is  bochd." 

Bheannaich  na  h-ainglean  iomadh  dachaidh 
an  oidhche  ud,  ach  bha  uiread  dhaoine  ann 
an  Cille-sgumain  aig  an  robh  cluasan  bodhar 
agus  cridheachan  cruaidh  's  gu  robh  e  tri 
uairean  's  a'  mhaduinn  m'an  do  chriochnaich 
na  h-ainglean  an  obair,  agus  m'an  do  rainig 
iad  an  tigh  mu  dheireadh,  tigh  Mairi 
DhomhnuUach. 

Bha  Mairi  'na  cadal  gu  seimh,  ach  bha 
neul  na  h-aoise  ri  fhaicinn  air  a  h-aodann. 

"  Ciod  an  tiodhlac-NoUaige  a  dh'fhagas 
sinn  aice,  a  dh'fheitheamh  air  a  dusgadh," 
arsa  te  de  na  h-ainglean  ri  each. 

"Tha  i  aosda  agus  sgith,"  arsa  te  eile, 
"  bheir  sinn  leinn  dhachaidh  gu  h-athair  i." 

An  sin  bhean  aingeal  eile  ri  bilean  Mairi, 
agus  gun  uiread  agus  osna  a  tharruing,  stad 
a  h-anail  agus  bha  a  spiorad  maille  ri  Dia. 
****** 

Anns  a'  mhaduinn,  an  uah  nach  robh  toit 
ri  fhaicinn  as  an  tigh,  dh'fhosgaU  am  posta 
agus  fear  de  na  coimhearsnaich  an  dorus, 
ach  chunnaic  iad  anns  a'  mhionaid  gu  robh 
i  marbh.  Bha  am  Biobull  fosgailte  air  a' 
bhord  a  bha  ri  taobh  na  leapa  aig  an  t-salm 
a  bha  i  a'  leughadh  m'an  do  chaidil  i, 
Sasuichear  mi,  an  uair  a  dhuisgeas  mi,  le 
d'  choslas.     (Salm  xvii.,  15.) 


Dorlach  Bhioran 

TMonail  Pol  ddrlach  bhioran. — GniomJiaran  xxviii.,  3. 


NA'N  robh  mi  deich  bHadhna  fichead  na 
b'oige  na  tha  mi  tha  da  rud  a  rachadh  agam 
air  a  dheanamh  nach  do  rinneadh  cheana, 
(1)  leabhar  beag  cuimir,  anns  am  biodh  gach 
seann  sgriobhadh  Greugach  no  Romanach 
air  an  rannsachadh  agus  air  an  criathradh  le 
criathran       na       meanbh-sgoilearachd,       a 


dli'fhaotainn  a  mach  ciod  an  seorsa  fiodha  a 
bha  anns  na  biorain  a  thionail  Pol,  agus  (2) 
Concordance  do'n  BhiobuU  Ghaidhlig. 

Theagamh  gu'n  tugadh  OUthigh  Chill- 
rimhinn  Ph.D.  dhomh  airson  leabhar  nam 
bioran,  oir  tha  maithean  an  fhoghluim  deas 
gu  bhi  a'  saoilsinn  gu  bheU  ionmhas  agus 


DOKLACH  BHIORAN 


reamhrachd  ann  an  seann  sgriobhaidhean 
nach  'eil  annta  idir,  ach  air  a  shon  sin  chan 
'eil  ann  am  bioran  ach  bioran  fhein.  Is 
duth  do  dhuine  a  bhi  mor  as  fhein  ma  chuir  e 
dach  ann  an  teampuill  an  Eolais,  ach  mur  do 
chuir  e  ann  ach  bioran,  bha  cho  maith  dha  a 
chur  air  an  teine,  far  an  do  chuir  Pol  iad. 

Ach  bhiodh  Concordance  Gaidhlig  feumail, 
cho  feumail  's  na'n  robh  mi  na  b'oige,  mar 
thubhairt  mi,  gu'm  feuchainn  r'a  dheanamh. 
Ach  tha  ministearan  oga  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  a  dh'fhaodadh  an  obair  so  a 
ghabhail  os  laimh,  gu  sonraichte  anns  an 
eaglais  Shaoir,  a  tha  a'  cleachdadh  na 
Gaidhhg  na'  s  mo  na  thatar  a'  deanamh  ann 
an  eaglais  na  h-Alba. 

'N  an  te^gasg  anns  a'  chiibaid,  no  ann  an  class 
a'  Bhiobuill,  tha  ministearan  Gaidhlig  an  diugh 
mar  gu'm  biodh  iad  a'  gearradh  feoir  le  speal 
mhaoil ;  tha  e  duilich  dhaibh  an  obair  a 
dheanamh,  agus  tha  an  obair  groiceil  air  a' 
cheann  mu  dheireadh.  Anns  an  t-saoghal 
iir  anns  a  bheil  inntinnean  dhaoine  a' 
gluasad  an  diugh  chan  'eil  anns  a'  Ghaidhlig 
ach  meadhon-teagaisg  gu  maith  anfhann, 
anfhann  gu  nadurra  a  chionn  nach  'eil  i  a' 
fas  mar  tha  eolas  a'  fas,  ach  na's  anfhainne 
uile  gu  leir  a  chionn  nach  'eil  an  acfhuinn 
againn  ann  an  Gaidhlig  a  tha  aig  luchd- 
teagaisg  Beurla,  Concordance  agus  leabh- 
raichean  eUe  de'n  t-seorsa  sin. 

Ach  chan  abair  mi  an  corr  air  a'  chuspair 
so,  oir  tha  fhios  agam  gu'n  cuirinn  fearg  air 
cuid  d'am  chatrdean,  na'm  fosglainn 
m'inntinn  gu  saor  air  a'  Ghaidhlig  mar 
inneal-theagaisg,  agus  cha  toigh  leam  dad 
a  radh  a  chuir eadh  daoine  bharr  an  sitiil. 
****** 

Mar  sin  tOhdh  mi  a  dh'ionnsuidh  nam 
bioran,  far  an  do  thoisich  mi. 

Thionail  Pol  na  biorain  gus  teine  fhadadh, 
ach  tha  teine  agus  teine  ann.  Tha  cuid  de 
na  bhios  a'  leughadh  na  duUleig  so  a 
dh'fheumas  da  theine  a  thoirt  bed  a  h-uile 
la  Sabaid,  ach  ged  nach  'eil  mise  a'  gabhail 
orm  a  bhi  ro  mhaith  air  teine  dhomh  fhein 
fhadadh  bha  mi  riamh  curamach  gu'm  biodh 
dorlach  bhioran  aig  mo  laimh  ris  am  faodainn 
maidse  a  chur  uair  air  bith  a  thoilichinn.  0 
nach  'eil  feum  agam  fhein  orra  an  drasd 
faodaidh  mi  lan-an-duirn  dhiubh  a  thairgsinn 
do  neach  air  bith  a  tha  gann  de  chonnadh. 

Anns  na  laithean  so  tha  am  biadh  ri  bhi 
air  a  thomhas  dhuinn,  agus  tha  daoine  a' 
deanamh  mor  an  bruidhne  mu  bhiadh  ;  so 
agaibh  ma  ta  dorlach  bhioran  a  chuireas  sibh 
air  an  teine  sin. 


Dh'ith  iad  am  Mana  gus  an  d'thainig  iad 
gu  crich  tire  Chanaain. — [Ecsodus  xvi.,  35). 
Ciod  air  bith  a  bheir  thusa  no  mise  as  an 
fhacal  sin,  na'n  robh  Augustin  bed,  theireadh 
e  gur  e  crioch  tir  Chanaain  an  la  anns  am 
faigh  Breatunn  agus  an  Fhraing  a'  bhuaidh. 

Bithidh  aca  uiread  r'a  cMile  ri  itheadh. — 
Detd.  xviii.,  8. 

Dlighe  gach  la  air  a  la  fein. — Nehem. 
xii.,  47. 

Thubhairt  losa  riu,  A  chlann,  a  bheil 
biadh  air  bith  agaibh  ?  Fhreagair  iadsan, 
Chan  'eil. — Eoin  xxi.,  5. 

An  deidh  do'n  Tighearn  buidheachas  a 
thabhairt  dh'ith  iad  an  t-aran. — Eoin  vi.,  23. 

Ithidh  e  aran  a  Dhe. —  Lebh.  xxi.,  22. 

Ceithir,  seorsachan  arain  a  tha  air  an 
ainmeachadh  anns  a'  BhiobuU  ;  aran  Dhe, 
biadh  nan  aingeal  (Salm  Ixxviii.,  25),  aran 
an  diomhanais,  agus  aran  na  ceUge  (Gnath- 
Fhacail  xxxi.,  27,  xx.,  17).  Tha  an  da 
aran  mu  dheireadh  sin  mihs  do'n  bhlas, 
ach  searbh  do  na  h-airnean. 

Deasaichidh  tu  bdrd  fa  m'chomhair  ann  am 

fianuis  mo  naimhdean. — Salm  xxiii.,  5. 

Cha  robh  uireasbhuidh  ni  sam  bith  ort. — 

Deut.  vi.,  7. 

Dh'ith  iad  am  biadh  le  gairdeachas  agus  le 

aon-fhillteachd      cridhe,      a'moladh      Dhe. — 

Gniomh.  ii.,  46. 

Ma  chain  thu  do  chail  air  biadh  mol 
ainm  Dhe  gus  an  tig  do  chail  air  ais. 
Dh'aithnicheadh  led  e  ann  am  briseadh  an 

arain. — Lucas  xxiv.,  35. 

Cha  bu  choir  am  facal  so  a  bhi  air  a 
ghleidheadh  air  son  bord  a'  chomanachaidh 
a  mhain.  Aithnichear  an  duine  diadhaidh 
'n  a  shuidhe  aig  a'  bhiadh,  no  air  an  doigh 
anns  an  dean  e  altachadh.  Bu  choir 
dhuinn  gach  seorsa  arain,  cho  maith  ri 
aran  a'  chomanachaidh,  a  bhriseadh  ann 
an  ainm  Chriosd. 
Rinn    coimhthional    chloinn    Israeil    uile 

gearan  an  aghaidh  Mhaois. — Ecsodiis  xvi.,  2. 
Rinn  iad  gearan  'n  a  aghaidh  a  chionn 
gu  robh  am  biadh  gann,  ach  air  cho  dona 
's  'g  am  bi  sinne,  cha  bhi  sinn  cho  dona  ri 
muinntir  Shamaria  an  am  na  gorta  a 
thainig  orra,  agus  a  bha  ceann  asaU  air 
a  reic  air  ceithir  fichead  bonn  airgid,  agus 
an  ceathramh  cuid  de  chab  a  dh'aolach 
chalaman  air  a  reic  air  coig  buinn  airgid. 
Tha  mi  an  duU  gu'm  biodh  mu  thri 
pinntean  ann  an  cab,  ach  chan  'eU  mi  uile 
gu    leir    cinnteach,     oir    tha     toimhsean 


DORLACH  BHIORAN 


ludhach     cho     duilich     an     tuigsinn     ri 
sgriobhaidhean  Einstein  no  Jeans. 

Bheir  bean  shubhailceach  a  biadh  d  tir 
cMin  ;  tha  i  mar  longaibh  nan  ceannaichean. — • 
Gnath-Fhacail  xxi.,  14. 

Ma  dh'ith  mi  mo  ghreim  am  aoTiar  agus  nach 
d'ith  dilleachdan  dheth. — lob  xxi.,  17. 

Tha  treubh  anns  an  Afric  aig  a  bheil  an 
t-ainm  so  air  duine  mosach,  "  Am  fear  a 
bhios  ag  itheadh  leis  fhein." 

Thugaibh  aoidheachd  d'a  cheile  gun  ghearan. 
— 1  Pead.  iv.,  9. 

"Bha  mi  acrach,  agus  cha  d'tliug  sibh 
dhomh  biadh  ;  bha  mi  am  choigreach, 
agus  cha  d'thug  sibh  aoidheachd  dhomh." 

3fa's  duine  thu  air  do  thabhairt  do 
ghedcaireachd ,  cuir  sgian  ri  d'  sgdrnan. — 
Gnath-Fhacail  xxiii.,  2. 

Chan  'eil  mi  cinnteach  ciod  a  tha  so  a' 
ciallachadh,  ach  saoilidh  mi  co  dhiubh 
nach  'eil  am  facal  ag  iarraidh  eadhon  air  a' 
gheocaire  lamh  a  chur  'n  a  bheatha. 
Theagamh  nach  'eil  ann  ach  facal  laidir, 
'  rud  beag  thar  na  cailce,  mar  bhiodh  aig  an 
fhear  nach  maireann,  an  t-OUamh  Alasdair 
Whyte,  air  uairean.  Uair  a  bha  e  a' 
searmonachadh  mu'n  pheacadh  so, 
thubhairt  e,  "  tha  sibh  an  sin,  a  mhnathan- 
uaisle  Dhim-eideann,  a'  cladhach  'ur 
n-uaighean  fein  le  bhur  fiaclan." 

7s  mise  aran  na  beatha  :  an  t-aran  bed 
a  thdinig  a  nuas  o  neamh. —  Ar  Slanuighear. 

Sin  ma  ta,  dorlach  bhioran  leis  am  faodadh 
duine  air  bith  aig  a  bheil  inntinn  bheo,  a 
cheanglas  aon  smuain  ri  smuain  eile,  deagh 
theine  fhadadh  air  feasgar  Sabaid. 

Hi  H^  ^  ^  ^  ^ 

An  am  a'  chogaidh  mu  dheireadh  bha  mise 
dha  no  tri  laithean  ann  am  Malta,  ach  ged  a 
chaidh  mi  a  dh'fhaicinn  a'  bhaigh  anns  an 
deachaidh  am  bata  anns  an  robh  Pol  air  tir, 
chan  'eil  cuimhne  air  bith  agam  an  diugh  air 
coslas  na  h-oir-thir,  ciod  an  seorsa  chraobh 
a  bha  timchioU  air  a'  bhagh,  no  an  robh 
craobh  no  conas  idir  ann.  Ach  tha  cuimhne 
agam  an  coslas  is  cumadh  a'  bhaigh  fhein, 
agus  air  siochalachd  agus  guirme  na  fairge  ; 
cha  saoUeadh  tu  air  la  samhraidh  gu'm  bu 
droch  chladach  e. 

Biorain  a  coille  eile. 

CIOD  a  tha  an  iirnuigh  so  a'  ciallachadh, 
"  Thoir  dhuinn  an  diugh  ar  n-aran  laitheil  ?  " 
(Mata  vi.,  11).  Ciod  eile  ach  gu  bheil  sinn  ag 
iarraidh  air  Dia  am  biadh  a  tha  feumail  do'u 


bheatha  so  a  thoirt  dhuinn !  Sin  an  doigh 
anns  a  bheil  a'  mhor-chuid  de  dhaotne  a 
bhios  ag  radh  na  h-tirnuigh  'g  a  tuigsinn. 
Ach  ma  sheallas  tu  thairis  air  na  nithean 
eile  a  dh'iarr  Criosd  air  na  deisciobuil  guidhe 
ri  Dia  air  an  son  chi  thu  gur  e  nithean 
spioradail  a  tha  annta  uile,  agus  nach  e 
nithean  aimsireU.  Dh'iarr  e  orra  guidhe 
gu'm  biodh  ainm  Dhe  air  a  naomhachadh, 
agus  rioghachd  Dhe  a'  teachd  ;  gu'm  biodh 
iad  air  an  cumaU  o  bhuaireadh,  ach  anns  an 
athchuinge  so  thatar  ag  iarraidh  air  Dia 
beannachd  aimsireil,  ged  thubhairt  Criosd  ris 
na  deisciobuil  gun  ro-churam  a  bhi  orra  ciod 
a  dh'itheadh  no  dh'oladh  iad.  "  larraibh 
air  tus  rioghachd  Dhe,"  ars  esan,  "  agus 
cuirear  na  nithean  so  uile  ribh."  Mar  sin 
tha  cuid  de  dhiadhairean  a'  cumail  a  mach 
nach  ann  idir  air  son  a'  bhidh  a  theirgeas  a 
dh'iarr  Criosd  air  a  dheisciobuil  urnuigh  a 
dheanamh,  ach  air  son  a'  bhidh  a  mhaireas 
chum  na  beatha  shiorruidh. 

Sin  mar  tha  an  naomh  Augustin  a' 
mineachadh  nam  briathran  so  ;  bha  iad  a' 
samhlachadh  dha  corp  Chriosd,  no  an 
t-aran  beo  a  tha  Dia  a'  toirt  do'n  anam  ;  is 
dh'uisnich  e  iad  mar  gu'n  robh  iad  a'  teagasg 
gu  bheil  Criosd  ag  iarraidh  oirnn  an 
t-sacramaid  naomh  a  choimhead  a  h-uile  la. 

Ach  cha  seas  am  mineachadh  sin,  ma 
chumar  air  chuimhne  an  riaghailt  ghlic  so, 
"  Earrann  air  bith  de'n  Bhiobull  as  urrainnear 
a  ghabhail  gu  littreU,  gabh  mar  sin  i,  oir  mar 
is,fhaide  a  dh'fhalbhas  tu  o'n  litir,  is  ann  is 
docha  thu  bhi  cearr."  Tha  facal  eile  anns 
an  iirnuigh  nach  'eil  soiUeir,  co  dhiubh  anns 
a'  Ghreigis,  am  facal  laitheil,  oir  tha 
sgoilearan  Greigis  ag  radh  gur  e  bu  choir 
dhuinn  a  radh,  "  Thoir  dhuinn  an  diugh  aran 
an  la  tha  teachd."  An  e  sin  aran  an  la 
maireach  ?  Ma  their  thu  gur  e,  cuimhnich 
gu'n  d'  iarr  Criosd  air  na  deisciobuil  gun 
chtiram  a  bhi  orra  mu'n  la  maireach. 

Bha  e  'na  chleachdadh  aig  losa  gu 
sonraichte  ann  an  Capernaum,  a  bhi  ag 
eirigh  roimh  la,  a  dhol  a  mach  leis  fein  a 
clh 'iirnuigh,  theagamh  a  chionn  gu  robh  an 
tigh  (no  na  tighean)  anns  am  biodh  e  a' 
fuireach  cho  Ian  's  nach  b'urrainn  dha  dol 
air  a  ghliiinean  an  uaigneas.  Is  ann  air  la 
de  na  laithean  sin  a  lean  na  deisciobuil  e 
agus  a  dh'iarr  iad  air,  "  A  Thighearna, 
teagaisg  dhuinn  iirnuigh  a  dheanamh."  An 
sin  thug  Criosd  dhaibh  an  urnuigh  so,  trath 
's  a'  mhaduinn,  theagamh  m'an  do  bhlais 
iad  biadh,  Thoir  dhuinn  aran  an  la  so,  no 
aran  an  la  a  tha  romhainn. 


DORLACH  BHIORAN— CALL  LEODHAIS 


Tha  an  urnuigh  so  freagarrach  dhuiim 
uile  (ma  chumas  sinn  a'  choir  agus  gu'n  iarr 
sinn  Dia  gu  moch)  ach  bha  i  eadhon  na  bu 
fhreagarraiche  do  na  h-abstoil,  oir  dh'fhag 
iadsan  an  tighean  agus  an  teaghlaichean  agus 
an  obair  shaoghalta  air  sgath  Chriosd  agus 
air  sgath  a  rioghachd.  Air  uairean  cha 
bhiodh  fhios  aca  arms  a'  mhaduinn  c'aite  am 
faigheadh  iad  am  biadh  aims  an  fheasgar, 
no  c'aite  am  faigheadh  iad  fasgadh  amis  an 
oidhche.  Ach  b'aithne  do  Dhia,  agus  mar 
sin  dh'iarr  Criosd  orra  an  cuisean  earbsa 
ris-san,  agus  an  uireasbhuidhean  innseadh 
dha,  agus  dol  an  comhdhail  obair  an  la  gun 
eagal  gun  churam. 

Ann  an  saoghal  anns  a  bheil  freasdal  Dhe 
a'  riaghladh  gheibh  an  duine  a  tha  deanamh 
toil  Dhe  a  bhiadh  gun  teagamh  ;  ach  chan 
'eil  coir  aig  duine  air  a  bhiadh  mur  do 
choisinn  e  e. 

Co  iad,  ma  ta,  a  tha  a'  cosnadh  am  bidh  ? 

Ma's  e  toil  an  Tighearn  e. 

Anns  a'  cheathramh  caibideil  de'n  litir  a 
sgriobh  e  tha  an  t-abstol  Seumas  a'  faotainn 
coire  do  dhaoine  a  bhios  ag  radh,  "  Am 
maireach  theid  sinn  do'n  bhaile  so,  agus  ni 
sinn  ceannachd  agus  gheibh  sinn  buannachd," 
agus  ag  radh  riu  gur  e  bu  choir  dhaibh  a 
radh,  "  Ma's  e  toil  an  Tighearn  e,  ni  sinn  so 
no  sud." 

Anns  na  seann  laithean  chluinneadh  tu  na 
briathran  so  na's  trice  na  chluinnear  iad  an 
diugh,  "  Ma's  e  toil  an  Tighearn  e,"  no  "  Ma 
bhios  mi  air  mo  chaomhnadh,"  no  "  Le 
comhuadh  Ni-maith "- — ni  mi  sud  no  so. 
Ach  tha  an  doigh  bruidhne  sin  air  dol  as  an 
fhasan  an  diugh  am  measg  dhaoine,  agus  gu 
sonraichte  am  measg  dhaoine  oga,  oir  cha 


toigh  leis  an  oigridh  a  bhi  ag  uisneachadh 
bhriathran  crabhach  gun  aobhar. 

Uair  a  thug  an  t-OUamh  Tomas  Chalmers 
cuireadh  do  mhinistear  araidh  a  dh'ionnsuidh 
a  thighe  fhreagair  am  ministear  ann  am 
briathran  crabhach  "  Bithidh  mi  toilichte  dol 
chugaibh,  ma  bhios  mi  air  mo  air  chaomhnadh, 
a'  cur  cudthrom  anabarrach  agus  fuaim 
sholuimte  air  na  facail  ma  bhios  mi  air  mo 
chaomhnadh. 

"  0,"  arsa  Tomas  Chalmers,  gu  goirid  agus 
gu  tioram,  "  mur  bi  thu  air  do  chaomhnadh 
cha  bhi  diiil  againn  riut." 

Ach  ged  nach  call  e  gu'm  bruidhneadh 
daoine  gu  direach  nadurra,  gun  bhi  ag 
uisneachadh  cainnt  chrabhach  an  uair  nach 
'eil  feum  oirre,  bu  chaU  mor  e  na'n 
dichuimhnicheamaid  gu  bheil  sinn  an 
eisiomail  Dhe  gach  mionaid  d'  ar  beatha, 
agus  nach  bu  choir  dhuinn  ceum  mor  no 
beag  a  ghabhail  gun  a  bheannachd-san  agus 
a  stitiireadh-san  iarraidh.  Eadhon  ged  nach 
biodh  na  briathran  air  ar  bilean.  Ma's  e  toil 
an  Tighearn  e,  ni  mi  sud  no  ni  mi  so,  -no  Ma 
bhios  mi  air  mo  chaomhnadh,  no  A  dhedin 
Dia  e,  bu  choir  gu'm  biodh  iad  gu  diomhair 
'n  ar  cridhe,  agus  gu'n  aidicheamaid  esan 
agus  a  thoil  anns  gach  ceum  d'ar  beatha 

Anns  an  uchd  tilgear  an  crannchur,  ach 
is  ann  o'n  Tighearn  a  tha  a  riaghladh  gu 
leir.     ( Gnath  Fhacail  nan  ludhach.) 

Thubhairt   an  righ,    Falbhaidh  mi   am 

maireach,  ach  thubhairt  a'  ghaoth,  Fanaidh 

tu  riumsa.     {Gnath  Fhacail  nan  Gaidheal.) 

Uime  sin  tha  an  t-abstol  Seumas  ag  radh, 

na  h-abraibh,  Th^id  sinn  an  diugh  no  am 

maireach  gus  a  leithid  so  de  bhaile,  agus  ni 

sinn  ceannachd  agus  gheibh  sinn  buannachd, 

ach   'na   aite   sin  abraibh,   Ma's  e  toil  an 

Tighearn  e,  ni  sinn  sud  no  so. 


Call  Le6dhais 


Is  e  Leodhas  a'  cheud  aite  anns  a' 
Ghaidhealtachd  air  an  d'  thug  an  cogadh  so 
droch  sgriob,  oir  bha  dusan  no  ceithir 
deug  de  ghillean  oga  an  eilein  air  an  caU 
anns  a'  bhata  mhor,  an  "  Rawalpindi,"  a 
bha  air  a  cur  fodha  le  soitheach-cogaidh 
Gearmailteach.  Cha  d'  thainig  call  cho 
goirt   air   an   eilean,   co   dhiu   ann  an  aon 


oidhche,  o'n  oidhche  a  chaidh  an  "  lolaire  " 
air  tir,  a'  dol  a  stigh  do  Steornabhagh,  agus 
a  bha  bathadh  eagallach  air  a  dheanamh. 

Tha  co-fhaireachduin  aig  muinntir  na 
Gaidhealtachd  uile  ris  na  dachaidhean  ann 
an  Leodhas  anns  a  bheil  ionndrainn  agus 
bron  aig  an  am  so. 


MjcpRpuomu 


Aireamh  3 


1940 


Coimhliontachd  a'  Chreidmhich 

Ge  b'e  neach  a  ghineadh  o  Dhia,  cha  dean  e  peacadh  ;  oir  tha  a  shiol-san  a' 
fantuinn  aim  :  agus  chan  'eil  e  'n  comas  da  peacadh  a  dheanamh,  do  bhrigh 
gu'n  do  ghineadh  o  Dhia  e.  1  Eoin,  Hi.,  9. 


SIN  agad,  a  leughadair,  earrann  de'n 
Sgriobtur  a  bhiodh  anabarrach  freagarrach 
mar  chuspair  -  bruidhne  aig  coinneamh  - 
cheiste  ;  cho  freagarrach  's  gu  bheil  mi 
cinnteach  gu  robh  i  air  a  torrt  a  mach  mar 
bhonn-ceiste  iomadh  uair  cheana.  Fosgla^dh 
mise  a'  cheist  mi  fein  air  an  duiUeig  so,  ach 
bhithinn  an  comain  mhinistearan  agus  cheist- 
earan  anns  a'  Gh&idhealtachd  na'n  cuireadh 
iad  chugam  air  son  na  h-ath  Aireamh  am 
beachdan  air  an  fhacal  a  sgriobh  Eoin,  nach 
'eil  e  'n  comas  do  neach  a  ghineadh  o  Dhia 
peacadh  a  dheanamh. 

A  bheil  sin  a'  ciallachadh  gu  bheil  fior 
shluagh  an  Tighearna  gun  pheacadh,  no  gu 
bheil  neach  air  bith  a  ni  peacadh  a'  dearbh- 
adh  leis  a'  pheacadh  sin  nach  do  ghineadh 
o  Dhia  e  ? 

Anns  a'  cheud  chaibideil  de'n  litir  so  tha 
Eoin  ag  radh,  "  Ma  their  sinn  nach  'eil 
peacadh  againn,  tha  sinn  'g  ar  mealladh 
fein,  agus  chan  'eU  an  fhirinn  annainn," 
ach  anns  an  earrann  so  tha  e  ag  radh  (a' 
labhairt  ris  na  ceart  chreidmhich),  "  Ge  b'e 
neach  a  ghineadh  o  Dhia  chan  'eU  e  'n  comas 
da  peacadh  a  dheanamh."  Ciamar  a  ghabh- 
ar  ris  an  da  fhacal  sin,  gun  an  dara  fear 
dhiubh  a  bhi  'n  aghaidh  an  fhir  eile  ? 

So  agad,  ma  ta,  far  am  biodh  Concordance 
GaidhHg  feumaU,  agus  far  a  bheil  an  ceart- 
achadh  mu  dheireadh  a  rinneadh  air  a' 
BhiobuU  Ghaidhhg  a'dearbhadh  gu'm  b'aithne 
do'n  fhear  nach  maireann,  an  t-Ollamh  Iain 
Mac  Gill-eathain,  a  ghnothuch.  Am  facal 
Greigis  a  sgriobh  Eoin,  an  uair  a  thubhairt 
e,  Chan  'eil  e  'n  comas  da  peacadh  a  dheanamh, 
sin  a  cheart  fhacal  a  sgriobh  Lucas,  an  uair 
a  tha  e  ag  innseadh  mu'n  fhear  a  thubhairt 
r'a  charaid  a  thainig  a  dh'iarraidh  iasad 
arain  aii-  gu  h-anmoch  (Lucas  xi.,  7).  "  Tha 
mo  chlann  maille  rium  anns  an  leabaidh  ; 
chan  'eil  e  'n  comas  dhomh  eirigh." 

A  Thoil  F6in. 

Cha  robh  e  a'  ciaUachadh  nach  b'urrainn 
dha  eirigh  a  chionn  gu  robh  an  leum-droma 
air,  no  a  chionn  gu  robh  pairilis  'n  a  chasan, 
no  a  chionn  gu  robh  aobhar  corporra  air 
bith  a'  bacadh  dha  eirigh  ;  bha  e  a'  cial- 
lachadh nach  robh  e  air  son  eirigh  ;    gu'n 


robh  a  thoil  fhein  'g  a  cheangal  ris  an 
leabaidh. 

So,  ma  ta,  a  cheart  rud  a  tha  am  facal  a 
sgriobh  Eoin  a'  ciallachadh,  "  An  ti  a 
ghineadh  o  Dhia  chan  'eU  e  'n  comas  dha 
peacadh  a  dheanamh."  Chan  'eil  e  a'  ciall- 
achadh nach  rachadh  aige  air  peacadh  a 
dheanamh  a  chionn  gu  bheil  cumhachd 
air  chor-eigin  a  tha  os  cionn  a  thoile  fein 
'ga  chumail  air  ais,  no  'ga  dheanamh 
eu-comasach  dha ;  tha  e  a'  ciallachadh 
nach  e  a  thoil  fein  peacadh  a  chur  an 
gniomh  a  chionn  nach  'eil  caU  aige  dha. 
Theagamh  gu  robh  call  aige  do'n  pheacadh 
uaireigin,  ach  o'n  la  a  bhlais  e  gur  maith 
agus  gur  milis  Dia  chaill  e  a  chail  do'n 
pheacadh,  agus  is  e  uile  iarrtus  anama  a  nis 
umhlachd  a  thoirt  do  lagh  Dhe  agus  a  thoU 
fein  a  striochdadh  do  thoil  Dhe.    Ghineadh 

0  Dhia  e,  is  tha  beatha  Dhe  'n  a  anam, 
agus,  mar  sin  tha  cumhachd  agus  solasan 
eile  aige  'n  a  anam  a  tha  'g  a  thogail  os 
cionn  solasan  peacach. 

Cuing  agus  saorsa,  saorsa  agus  cuing,  tha 
iad  a'  dol  comhla  daonnan  ann  am  beatha 
chreidmheach  ;  gach  neach  a  ghabhas  cuing 
Chriosd  air  chan  urrainn  dha  a  radh,  ciod 
air  bith  a  their  daoine  eile,  gu  bheil  e  saor 
gu  bhi  a'  peacachadh.  Cho  luath  's  a  ghabhas 
e  an  t-saorsa  sin  dha  fein  tha  e  a'  call  na 
saorsa  a  thug  Criosd  dha. 

M'  an  teid  mi  na's  fhaide  bu  mhaith  leam 
na  h-earrannan  so  air  a  bheU  mi  a'  bruidhinn 
a  chur  sios  mar  tha  iad  air  an  sgriobhadh 
arms  an  da  Bhiobull  a  bhios  mi  ag 
uisneachadh. 

An  Seana  Bhiobull. 

Lucas  xi.,  7.  Tha  mo  chlann  maille  rium 
anns  an  leabaidh  :    chan  fhaigh  mi  eirigh. 

1  Eoin  iii.,  9.  An  ti  a  gliineadh  o  Dhia,  chan 
'eil  e  'n  comas  dha  peacadh  a  dheanamh. 

Am  Biobull  Ceartaichte. 

Lucas  xi.,  7.  Tha  mo  chlann  maUle  rium 
anns  an  leabaidh  :  chan  urrainn  domh 
eirigh  agus  toirt  dhuit. 

1  Eoin  iii'.,  9.  Gach  neach  a  ghineadh  o  Dhia 
chan  tirrainn  da  peacachadh. 


COIMHLIONTACHD  A'  CHREIDMHICH— ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  na  h-earrannan  so  co  dhiu  lean  na 
sgoilearan  a  rinn  an  ceartachadh  mu  dheir- 
eadh  air  a'  Bhiobull  an  riaghailt  mhaith  so, 
an  aon  fhacal  Gaidhlig  a  chur  daonnan  mu 
choinneamh  an  aon  fhacal  Eabhra  no  Greigis, 
ma  ghabhas  sin  deanamh  ;  chan  urrainn, 
chan  urrainn  an  aite  chan  fhaigh,  chan  'eil  e 
'n  comas  dha. 

A  bheil  e  comasach  do  dhaoine  naomh 
ruighinn  air  staid  cho  iomlan  's  gu'm  faodar 
a  radh  gu  bheil  iad  gun  pheacadh  ?  Rainig 
aon  Neach  air  an  staid  sin,  agus  tha  cuid  de 
dhaoine  diadhaidh  a'  creidsinn  gu  bheil  e 
comasach  do  dhaoine  eile  a  bhi  gun  pheacadh 
cuideachd.  Is  e  sin  gnothuch  a  bhuineas  do'n 
Ti  uile-leirsinneach  a  mhain,  ach  ged  tha 
Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  ag  radh  nach 
'eil  e  comasach  do  neach  air  bith  o  thuit 
an  cinneadh-daonna  ann  an  Adhamh,  aithe- 
antan  Dhe  a  choimhead  gu  h-iomlan  cha  bu 
choir  dhviinn  air  a  shon  sin  criochan  a  chur 
roimh  Spiorad  an  Tighearn,  oir  chan  'eil 
ceann  no  crioch  aig  an  naomhachadh  a 
dh'fhaodas  an  Spiorad  Naomh  a  dheanamh 
ann  an  daoine  iriosal  a  dh'fhosglas  a  h-uile 
oisean  d'  an  cridhe  dha. 

Tha  mi  an  dixil  gu'n  do  theagaisg  Iain 
Wesley  gu  la  a  bhais  gu  bheil  e  comasach 
do  chreidmhich  saorsa  iomlan  fhaotainn 
annta  fein  o'n  pheacadh,  ach  ged  bha  e  a' 
creidsinn  gu'n  d'  fhuair  cuid  de  dhaoine  a 
b'  aithne  dha  an  t-saorsa  bheannaichte  so 
cha  d'  aidich  e  riamh  gu'n  d'fhuair  e  fein  i. 
Cha  mho  a  dh'aidich  Pol ;  "  chan  e,"  ars 
esan,  "  gu'n  d'rainig  mi  cheana,  no  gu  bheil 
mi  cheana  foirfe,  ach  tha  mi  a'  leantuinn 
...  a'  dian-ruith  dh'ionnsuidh  a'  chomh- 
araidh." 

Tha  da  ni  ann  a  bu  choir  dhuinn  a  chumail 
'n  ar  n-inntinn  a  ghnath,  (1)  gu  bheil  sinn 
fada  fada  o  bhi  naomh,  agus  (2)  gu'm  faod 
sinn  cumhachd  Dhe,  agus  gealladh  Dhe,  agus 
Spiorad  Dhe,  a  thagar,  ma  bu  mhaith  leinn 
obair  an  naomhachaidh  a  dhol  air  aghaidh 
'n  ar  beatha.  Agus  iadsan  a  ghineadh  o 
Dhia,  ciod  an  obair  eile  a  b'fhearr  leo  a  dhol 
air  aghaidh  annta  na  gu'm  biodh  iad  air  an 
deanamh  naomh,  gun  bhuaidh  aig  a' pheacadh 
thairis  orra  ? 

Beachd  Nach  Dean  Cron. 

Ged  tha  sinn  deas  gu  bhi  a'  faotainn  coire 
do    dhaoine    a   tha   a'    teagasg    gu    bheil    e 


comasach  dhuinn  saorsa  iomlan  fhaotainn  o 
chumhachd  a'  pheacaidh  anns  ant-saoghal  so, 
chan  'eil  mi  an  dull  gu'n  dean  am  beachd 
sin  uiread  de  chron  spioradail  do  dhaoine  ris 
a'  bheachd  eile  gu  bheil  sinn  uile  gu  leir 
truaiUidh  gu  nadurra,  agus  a  dh'aindeoin 
ar  toile  no  ar  creidimh,  gu'n  lean  an  truaill- 
idheachd  sin  ruinn  gu  la  ar  bais,  agus  mar 
sin  nach  'eilfeum  ann  dhuinn  dti.il  no  ddchas  a 
bhi  againn  ri  saorsa  o  chumhachd  a'  pheacaidh. 
Chan  ann  air  cumhachd  a'  pheacaidh,  no  air 
a'  ghreim  a  tha  aige  air  uile  bhuadhan  agus 
nadur  an  duine  a  bu  choir  dhuinn  ar  n-aire 
a  chumail,  ach  air  rim  Dhe  d'ar  taobh,  air 
an  t-saorsa  gus  a  bheil  Criosd  'g  ar  gairm, 
agus  air  comhnadh  an  Spioraid  Naoimh. 

Is  i  so  toil  Dhe,  eadhon  bhur  naomh- 
achadh-se. 

Iadsan  as  le  Criosd,  cheus  iad  an  fhedil 
maille  r'a  h-an-tograibh  agus  r'a  ana- 
mianndibh. 

Thagh  Dia  sibh  o  thus  chum  sldinte  tre 
naomhachadh  an  Spioraid. 

An  lathair  an  Ti  Naoimh  aig  a  bheil 
iomlanachd  'n  a  nadur  fein  chan  urrainn 
neach  air  thalamh  a  radh  nach  'eil  e  a' 
peacachadh  'n  a  smuaintean,  agus  'n  a  thoil, 
agus  'n  a  aignidhean,  gach  mionaid.  d'a 
bheatha,  ach  tha  aon  ghloir  aig  a'  ghrein 
agus  gloir  eile  aig  a'  ghealaich ;  aon  iom- 
lanachd a  bhuineas  do  Dhia  a  mhain  agus 
iomlanachd  eile  a  bhuineas  do  chloinn- 
daoine,  agus  ged  nach  bi  cridhe  mhic  an 
duine  gun  pheacadh  cho  fad  's  a  tha  e  anns 
an  t-saoghal  so,  agus  ged  nach  bi  e  iomlan 
mar  tha  Dia  iomlan,  tha  am  Biobull  ag 
iarraidh  oirnn  a  bhi  coimhlionta  mar  tha 
ar  n-Athair  neamhaidh  coimhlionta.  Smuain- 
ich,  a  leughadair,  air  na  facail  so,  ciod 
a  tha  iad  a'  ciallachadh,  agus  ciod  am 
miighadh  a  tha  eatorra  ;  duine  maith  ; 
duine  diadhaidh  ;  duine  fireanta  ;  duine 
naomh  ;  duine  foirfe  ;  duine  coimhlionta  ; 
duine  iomlan. 

Co  ris  a  theireadh  tu  duine  iomlan  ?  Cha 
ruig  mi  leas  a  radh,  oir  chan  'eil  duine 
iomlan  air  thalamh.  Ach  theirinn  duine 
coimhlionta,  no  foirfe,  ri  duine  a  tha  a' 
gitilan  a  mach  'n  a  bheatha  a'  chrioch  a 
bha  anns  an  t-sealladh  aig  Dia  an  uair  a 
chruthaich  e  e. 


Anns  a'  Chathair 


AN  uair  a  thoisich  an  cogadh  dh'apntaich  a' 
Pharlamaid  nach  biodh  duine  air  bith  air 
a  chur  do'n  arm  ma  bha  a  choguis  an  aghaidh 


dha  dol  ann,  agus  chuir  i  air  chois  Cuirtean 
anns  am  biodh  e  air  a  rannsachadh  le 
breitheamhna  cothromach  co  dhiubh  a  tha 


ANNS  A'  CHATHAIR 


no  nach  'eil  an  fheadhainn  leis  nach  leig  an 
coguis  dol  do'n  arm  firinneach  is  treibh- 
dhireach  anns  na  tha  iad  ag  radh.  Bha  fios 
aig  a'  Pharlamaid  gu  maith  gu  bheil  seorsa 
dhaoine  ann  aig  a  bheil  a  leithid  de  choguis 
's  nach  b'  urrainn  dhaibh  dol  do'n  arm  gun 
a  muchadh,  ach  bha  fios  aice  cuideachd  gu 
bheil  seorsachan  eile  ann  a  dh'  fheuchadh  ri 
lethsgeul  a  dheanamh  d'  an  coguis  air  ghaol 
cunnart  is  saothair  a'  chogaidh  a  sheachnadh, 
agus  mar  sin  chuir  i  air  chois  na  Cuirtean  so 
gu  bhi  mar  ghuit  no  f  hasgnag  a  dhealachadh 
an  t-sil  o'n  mholl,  rud  a  tha  duilich  a 
dheanamh. 

Theagamh  gu'm  biodh  e  na  b'fhearr  agus 
na  bu  chothromaiche  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  na'n  d'  thubhairt  a'  Pharlamaid 
agus  an  righ,  "  Chan  e  ar  gnothuch-ne 
coguisean  dhaoine  a  cheasnachadh,  oir  am 
measg  leth-cheud  muiUean  de  shluagh  tha 
coguisean  agus  beachdan  de  gach  seorsa 
agus  dath,  ach  is  e  ar  gnothuch-ne  an 
rioghachd  a  dhion,  agus  mar  sin  tha  e  mar 
fhiachaibh  air  muinntir  na  rioghachd  uile, 
a  tha  a'  sealbhachadh  a  sochairean  an 
laithean  sithe,  an  roinn  dhligheach  fein  a  dh' 
uallach  a'  chogaidh  a  ghiiilan." 

Lagh  Uasal. 

Ged  theireadh  a'  Pharlamaid  agus  an  righ 
sin  cha  bhiodh  ann  ach  rud  a  tha  cothromach 
agus  ceart,  ach  rinn  iad  rud  a  bu  chriosdaile 
agus  a  b'  uaisle  ;  thug  iad  cothrom  do 
dhaoine  aig  an  robh  coguis  nach  leigeadh 
leo  dol  do'n  arm  seasamh  air  an  ais.  Bha 
a'  cheud  cheum  so  uasal  agus  criosdail,  agus 
chan  'eil  a  bheag  de  rioghachdan  anns  an 
t-saoghal  a  bheireadh  an  t-saorsa  so  do 
choguisean  an  t-sluaigh  ach  Breatunn  fein, 
ach  an  uair  a  thoisicheadh  air  an  ath  cheum 
a  ghabhail,  agus  a  shuidh  Cuirtean  na  coguis 
a  thoirt  binn  air  na  daoine  a  tha  a'  tighinn 
air  am  beulaibh,  thatar  a'  faicinn  nach 
ruigeadh  a'  Pharlamaid  a  leas  uiread  ioma- 
guin  a  bhi  oirre  mu  choguisean  an  t-sluaigh, 
oir  chan  'eil  anns  a'  mhor  chuid  de  na 
daoine  a  tha  ag  iarraidh  as  o'n  chogadh 
anns  na  Ciiirtean  ud  ach  daoine  drannd- 
anach,  neo-thoUichte,  a  tha  air  an  dalladh 
le  an  laghaii'eachd  agus  an  dannarrachd 
fein ;  sliochd  nan  daoine  a  bha  ann  an 
uaimh  Adullaim,  a  tha  ag  radh,  an  ainm 
an  coguis,  nithean  a  chuireadh  eagal  air 
Socrates,  agus  air  Pol,  agus  air  an  Easbuig 
Butler. 

Theagamh  gu'n  saoil  thu,  a  leughadair,  gu 
bheil  a'  chainnt  so  gu  maith  laidir,  ach  ma 
leughas  tu  an  t-iomradh  a  gheibhear  anns  na 
paipearan-naidheachd  air  obair  Ciiirtean  na 


coguis,  chi  thu  nach  'eil  agam  ach  an  tul- 
fhii-inn.  An  uair  a  leughas  mi  an  seamsan 
faoin,  gun  bhun  gun  bharr,  a  bhios  a'  dol 
air  aghaidh  eadar  na  breitheamhna  agus  an 
fheadhainn  a  tha  iad  a'  ceasnachadh,  agus 
sin  uile  air  a  dheanamh  ann  an  ainm  Coguis, 
bithidh  e  a'  cur  feirge  agus  naire  orm  tamailt 
fhoUaiseach  a  bhi  air  a  thoirt  do'n  Ghuth 
neamhaidh  so,  an  lochran  as  dealraiche  ann 
an  nadur  mhic  an  duine.  Agus  air  uairean 
bithidh  mi  a'  saoUsinn  nach  aithne  dhaibh, 
taobh  seach  taobh,  ciod  a  tha  am  facal 
Coguis  a'  ciallachadh. 

Na  Paipearan-naidheachd. 

Theagamh  nach  'eil  an  gnothuch  cho  dona 
's.a  shaoUeadh  tu  o  na  paipearan-naidheachd, 
oir  cha  toir  na  paipearan-naidheachd  a  bheag 
de  chunntas  ach  air  daoine  agus  air  nithean 
a  tha  ur  agus  annasach.  Faodaidh  e  bhith 
gu  bheil  iomadh  duine  grinn,  ciallach,  iriosal, 
ag  iarraidh  as  o'n  chogadh  ann  an  Cuirtean 
na  coguis  a  thuilleadh  air  an  fheadhainn  a 
bhios  ri  laghaireachd  m'  an  coraichean 
agus  mu  chor  an  t-saoghaU  ;  daoine  diuid 
agus  diadhaidh  nach  marbhadh  eadhon  a' 
mheanbh-chuileag  gun  chadal  na  h-oidhche 
a  chall  air  a  thailleamh.  Na  'm  bithmn-sa 
'n  am  bhreitheamh  air  a'  chuis  leiginn  an 
fheadhainn  sin  as  o  dhol  ri  aghaidh -bualaidh 
anns  a'  chogadh,  oir  is  ann  air  an  son  a  rinn 
a'  Pharlamaid  an  lagh  caomhail  so.  Tha  mi 
cinnteach  gur  e  so  a'  bhinn  a  bhios  na 
Ciiirtean  fein  a'  toirt  a  mach,  a  chionn  gu 
bheil,  an  seorsa  dhaoine  so  toUeach  obair  air 
bith  a  dheanamh,  no  cruadal  air  bith  fhulang 
a  chuidicheas  leis  an  rioghachd,  ach  a  mhain 
gunna  a  ghabhail  'n  an  laimh. 

Ach  an  uair  a  thig  peasain  dhalma  air 
beulaibh  na  Ciiirte,  cuid  dhiubh  a  tha  a' 
faotainn  aran  glan  air  bheag  saothair  ann 
an  seirbhis  a'  Chruin  agus  cuid  eile  dhiubh 
a'  faotainn  aran  nach  'eil  cho  glan  'n  an 
gillean-dibhe  ann  an  tighean-osda,  far  a 
bheU  iad  a'  puinnseanachadh  agus  a  sgrios 
moran  d'  an  co-chreutairean,  agus  a  thoisi- 
cheas  na  peasain  sin  air  a  radh  gu  spailpeanta 
nach  'eil  iad  ag  aideachadh  gu  bheil  ughdarras 
air  bith  aig  a'  Chiiirt  thairis  orra;  nach  'eil 
iad  a'  creidsinn  ann  an  Dia  no  ann  an 
eaglais  ;  nach  'eil  co-chomunn  aca  ri  luchd- 
aideachaidh  Chriosd  ;  nach  rachadh  iad  's 
an  eadarginn  ged  chitheadh  iad  beubanachd 
air  a  dheanamh  air  am  parantan ;  nach 
tugadh  iad  balgam  uisge  do  shaighdear 
leonta  ;  nach  sguabadh  iad  iirlar  ann  an 
ospadal,  ma  bha  saighdearan  air  an  leigeil 
a  steach  ann ;  an  uair  a  thoisicheas 
peasain   nach    'eil   tri   bliadhna  fichead  air 


ANNS  A'  CHATHAIR 


nithean  mar  sin  a  radh  ann  an  ainm  an 
coguis,  cha  bu  choir  do'n  Chiiirt  do]  ann  an 
argumaid  riu  idir,  oir  chan  e  an  coguis  a 
tha  a'  toirt  orra  seasamh  a  niach  o  dhaoine 
eile  ach  laghaireachd,  agus  aineolas,  agus 
dannarrachd  a  tha  annta  gu  nadurra. 

Daoine  Neonach. 

An  aite  a  bhi  a'  pliodaireachd  air  an 
t-seorsa  dhaoine  so  dol  do'n  arm  theirinn-sa 
riu  nach  leiginn  do'n  arm  iad  air  son  an 
t-saoghaU  ;  nach  cuirinn  de  thamailt  air  na 
gillean  gasda  a  chaidh  a  mach  gu  h-uasal 
agus  gu  duineU  a  dhion  an  duthcha  an 
leithidean-san  a  dhol  'n  am  measg  ;  agus 
nach  mo  a  bhiodh  peanas  air  a  dheanamh 
orra  ach  a  mhain  an  t-aideachadh  a  rinn  iad 
fein  nach  'eil  annta  ach  daoine  neonach 
nach  'eil  coltach  ri  daoine  eUe,  agus  a  tha 
gun  fheum  do'n  rioghachd  an  la  na  h-airce. 

Anns  a  h-uUe  rioghachd  tha  aireamh 
mhaith  dhaoine  nach  'eU  mar  dhaoine  eile  ; 
daoine  a  dh'fheumas  a  bhi  an  aghaidh  chaich 
daonnan,  a  chionn  gu  bheU  neonachas  no 
laghaireachd,  no  dannarrachd,  annta  gu 
nadurra,  agus  a  tha  an  duU  gu  bheil  iadsan 
ceart  agus  an  saoghal  uile  eearr.  Ma's 
maith  mo  bheachd  is  ann  de'n  t-seorsa  so 
a  tha  a'  chuid  mhor  de  na  tha  dol  air 
beulaibh  Cuirtean  na  coguis,  agus  a  reir  an 
aideachaidh  fein  tha  iad  cinnteach  as  an  da 
rud  so,  (1)  gu  bheil  coguis  gheur  agus  bheo 
aca,  agus  (2)  gu'n  rachadh  aca  air  an  t-saoghal 
a  chur  ceart  na'n  gabhteadh  an  doigh-san. 

Daoine  macanta  agus  iriosal. 

Ach  an  drasd  's  a  ris  chi  thu  gu  bheU 
seorsa  eUe  a'  tighinn  air  beulaibh  nan 
Cuirtean  ud ;  an  seorsa  a  bha  anns  an 
amharc  aig  a'  Pharlamaid  an  uair  a  rinn  i  an 
t-Achd  ;  daoine  ciiiin  macanta  aig  a  bheU 
coguisean  maoth  gu  nadurra  agus  a  tha  air 
an  deanamh  na's  maoithe  le  am  beat  ha 
dhiadhaidh  fein ;  daoine  nach  togadh  an 
lamh  ri  duine  eUe  air  son  an  t-saoghaU,  agus  a 
tha  a'  faireachdainn  'n  an  cridhe  fein  gu'm 
biodh  e  'na  pheacadh  eagallach  dhaibh  duine 
eile  a  mharbhadh,  ged  nach  glaoidh  iad  sin 
air  na  sraidean.  Tha  breitheamhna  nan 
Cuirtean  siobhalta  agus  faireachail  ris  an 
t-seorsa  so  gun  teagamh,  ach  air  a  shon  sin 
tha  de  mheas  agam-sa  orra,  agus  de  urram 
agam  do'n  lochran  neamhaidh  ris  an  abrar 
Coguis  's  gu  bheil  mi  duilich  gu'm  feum  iad 
an  aon  Mhod  a  sheasamh  ris  an  fheadhaum 
eUe  a  tha  Ian  de  fhein-fhireantachd  agus  de 
laghaireachd. 

Cha  robh  mi  a'  ciallachadh  an  uiread  so  a 
radh  an  uair  a  thoisich  mi ;  is  e  a  bha  'n  am 


bheachd  gu'n  iarrainn  air  na  ministearan  6ga 
a  bha  anns  a'  ChoUaist  air  dhetreadh  orm 
fhein,  agus  aig  a  bheil  inntinnean  na's  geire 
agus  na's  subaUte  na  tha  agam-sa,  cunntas 
cothromach  a  thoirt  dhuinn  air  Coguis  ;  a 
gne,  agus  a  h-tighdarras,  agus  a  h-obair. 
Na  'm  faighinn  a  leithid  sin  de  chunntas  bhith- 
inn  anabarrach  toilichte  a  thoirt  am  foUais 
am  Miosachan  na  h-eaglais,  a  chionn  gu  bheil 
mi  cinnteach  gu'm  b'  fheairrd  sinn  uile  solus 
fhaotainn  air  a'  chuis  nach  'eil  againn.  So 
cuid  de  na  ceistean  a  bu  mhaith  leam  a 
bhi  air  am  freagairt, 

Ciod  a  tha  coguis  a'  ciallachadh  ? 

Ciod  an  daimh  a  tha  eadar  do  choguis 

agus  do  bheachdan  ? 

Am  faod  coguis  threibhdhireach  a  bhi 

aig  duine  dona  ? 

Ciod    a    theireadh    tu    ri    duine    nach 

leigeadh   a   choguis   leis   buntata   a   chur 

ged  leigeas  i  leis  buntata  itheadh  ? 

Dorlach  Bbioran. 

Ach  ged  nach  'eil  mi  fhein  a'  dol  a  f  hreagairt 
nan  ceistean  sin  bu  mhaith  leam  lan-an-dtiirn 
de  bhiorain  a  thoirt  do  neach  air  bith  eile  a 
ghabhas  os  laimh  teine  f  hadadh  ;  cuid  dhiubh 
as  mo  choille  bhig  fhein  agus  cuid  dhiubh  a 
coiUtean  eUe. 

Air  dhaibh  a  bhi  air  an  agairt  le  'n  coguis 
fein,  chaidh  iad  a  mach. — Eoin  viii.,  9. 

Chan  'eil  am  facal  coguis  ri  fhaotainn 

anns  an  t-Seann  Tiomnadh,  ach  ged  nach 

'eil  am  facal  ann,  bha  an  coguis  beo  ann 

an  daoine  anns  na  laithean  ud  mar  tha  i 

beo  annta  an  diugh. 

Cuiridh  fuaim  duilleig  air  chrith  air  theich- 
eadh  iad,  agus  tuitidh  iad  an  uair  nach  bi 
neach  an  tdir  orra. — Levit.  xxvi.,  36. 

Teichidh  an  t-aingidh,  gun  neach  bhi  an 
tdir  air. — Gnath-  Fhacail  xxviii.,  1. 

Ghaith  mise  mo  bheatha  a  thaobh  Dhe  anns 
an  uile  dheagh  choguis  gus  an  la  an  diiigh. 
—Pol. 

Am  b'e  coguis  Phoil  a  thug  air  aon  rud 

a  dheanamh  aig  aon  am  'na  bheatha,  agus 

rud   calg-dhireach    'n   a   aghaidh   aig   am 

eile? 

Coguis  neo-lochdach  a  thaobh  Dhe. — Pol. 
Coguis  anf  hann  ;    coguis  bheo  ;    coguis 

air  a    losgadh   le   iarunn   dearg ;     coguis 

ghlan ;     coguis   air   a   salachadh  ;     coguis 

mharbh ;      coguis    nach    feoraich     ceist ; 

coguis   mheaUta  ;     duine   a   ni   coguis   de 

ni  suarach  ;    ciod  a  tha  na  facail  sin  a' 

ciallachadh  ? 

Ma  chaill  thu  do  choguis  chan  'eil  dad 
agad  air  fhagail  as  fhiach  dhuit  a  ghleidh- 
eadh. — Isaac  Walton. 


ANNS  A'  CHATHAIR— AOBHARAN  A'  CHOGAIDH 


Chan  'eil  daoine  air  an  t-saoghal  as  duiliche 
gnothuch  a  dheanamh  riu  na  daoine  aig  a 
bheil  coguisean  usaideach. —  Napoleon. 

Is  socrach  a'  chluasag  coguis  shaor  ;  mar 
sin    cum    beo    'n   ad    bhroilleach    an   lasair 


sholuis  a  chuir  Dia  ann,  agus  gu  ma  fe^rr 
leat  fulang  seach  fianuis  do  choguis  a 
mhiichadh.  Faodaidh  tu  bhi  ce^rr,  agus  do 
choguis  reidh  riut,  ach  tha  thu  ce^rr  gu 
cinnteach,  ma  tha  i  'g  ad  dhiteadh. 


Aobharan  a'  Chogaidh 

Leis  an  Urramach  Alasdair   MacFhionghuin,    Ph.D.,  an   Cill-mo- Naomhaig 


IS  eigin  dhuinn  uile  a  bhi  a'  smuaineachadh 
gu  trie  gach  latha  mu'n  chogadh.  Bithidh 
cuid  a'  smuaineachadh  air  ach  gann  an 
comhnuidh,  a  chionn  an  clann  air  neo  an 
d^imhich  a  bhi  ann  an  cunnart  air  a  thaill- 
eamh.  Tha  e  soilleir  gu  bheil  deuchainn 
theann  air  thoiseach  oirnn  mar  shluagh  mu'n 
tig  a'  chomhstri  gu  crich  ris  an  urrainn  sinn 
an  n-aonta  a  chur,  oir  tha  an  namhaid  laidir 
ann  an  armachd  de  gach  seorsa,  agus  tha  e 
suidhichte  air  sinne  gu  sonruichte  a  smachd- 
achadh,  agus  ar  cumhachd  anns  an  domhan 
a  bhriseadh,  oir  tha  e  a'  creidsinn  gur  sinne 
a  tha  a'  seasamh  eadar  esan  agus  uach- 
dranachd  na  h-E6rpa  agus  ard  ughdarras 
feadh  an  t-saoghail  uile.  Faodaidh  nach 
'eil  e  arm  am  mearachd  'n  a  bheachd. 

Aobhar  na  Comhstri. 

Chuir  e  mor  ionghnadh  orm  a  bhi  a' 
cluinntinn  duine  a  tha  sonruichte  ghc  ann 
an  gnothuichean  tuathanachais  ag  r^dh  gur 
searbh  do'n  rioghachd  so  dol  gu  cogadh  mu 
chilis  a  reiticheadh  ceathrar  fheara  pongail 
'n  an  suidhe  mu  bhord  ann  an  uair  an  uairea- 
dair,  's  e  sin,  a'  cheist  a  bha  eadar  na  Gear- 
mailtich  agus  na  Polaich.  Tha  eagal  orm 
gur  beag  a  thuig  esan  de  ghne  na  ceiste  ud  ; 
agus  faodaidh  gu  bheil  moran  anns  an 
dtithaich  so  fhathast  aig  nach  'eil  tuigse  as 
fearr  oirre.  Ma  tha  iad  a'  saoilsinn  gu'm 
b'ann  a  mhain  mu  Dhantsig  agus  an  Amhach 
(The  Corridor)  a  bha  an  gnothuch,  tha  iad 
air  am  mealladh  :  cha  robh  annta  sin  ach 
lethsgeul  do  na  Gearmailtich  air  son  staid 
Pholand  a  bhriseadh,  agus  greim  a  ghabhail 
air  an  dtithaich  agus  air  a  beartas  air  son 
am  maith  fein.  Cha  chreid  mise  gu'm  biodh 
e  ro  fhurasda  do  dha  Ghearmailteach  agus 
do  dha  Pholach  cordadh  uime  sin.  Rinn  na 
Gearmailtich  soilleir  do'n  t-saoghal  uile,  nach 
b'e  cordadh  a  bha  dhith  orra,  ach  sgrios, 
creich,  agus  farsuingeachd  ;  agus  iighdarras 
thairis  aix  sluagh  ris  an  robh  eud  agus  fuath 
aca.  Mar  sin,  amhuil  a  rinn  iad  cheana,  ann 
an  Austria  agus  ann  an  Checko-Slovakia, 
bhrosnaich  iad  an  sluagh  an  aghaidh  a  cheile, 
ann  an  dochas  gu'n  creideadh  an  saoghal  gu 
*n  robh  aobhar  laidir  aig  a'  Ghearmailt  air 


son  dol  do'n  eadraiginn  :  agus  an  uair  a 
rachadh,  chriochnaicheadh  i  an  gnothuch 
mar  a  fhreagradh  oirre  fein.  Cha  chreid 
mise  gu  bheil  e  furasda  tighinn  gu  cordadh 
ri  daoine  d'an  creud  agus  d'an  cleachdadh 
an  saoghal  a  mhealladh  le  geallaidhean  fallsa, 
agus  cothrom  a  ghabhail  gu  leum  air  an 
coimhearsnaich  laga,  los  am  briseadh  agus 
an  slugadh,  mar  a  rinn  na  Gearmailtich  a  nis 
tri  uairean  taobh  a  stigh  da  bhliadhna,  's  e 
sin  mur  'eil  sinn  de  'n  aoh  bheachd  riu  fein, 
gu  bheU  a  leithid  sud  de  mhealladh,  de 
fhoirneart,  agus  de  spuinneadh,  ceart  agus 
freagarrach  dhaibhsan  d'  am  bheil  e  comas - 
ach  :  gur  cumhachd  a  tha  a'  toirt  coir ; 
agus  nach  buin  do  'n  fhear  lag  ach  na 
cheadaicheas  am  fear  laidir  dha. 

Siol  nan  Sonn. 

Tha  sin  dona  gu  leor,  ach  tha  na's  miosa 
na  sin  eadar  sinne  agus  iadsan  an  diugh. 
Faodaidh  gur  e  a  bhi  a'  faicinn  ar  cunnart 
fein  a'  dluthachadh  a  chomh-eignich  sinn  mu 
dheireadh  gu  dulain  cogaidh  a  thoirt  do  'n 
Ghearmailt,  oir  a  reir  teagaisg  Hitler  'n  a 
leabhar  iomraiteach,  chan  'eil  crioch  idir  ri 
chur  ri  fas  agus  ri  uachdranachd  na  Gear- 
mailt ;  oir  tha  a  sluagh  de  shiol  nan  sonn, 
tha  iad  an  comhnuidh  a'  fas  na's  lionmhoire  ; 
mar  sin,  tha  e  soilleir  gu  bheil  iad  air  an 
gairm  gu  bhi  a'  riaghladh  anns  an  t-saoghal. 
Is  e  an  dleasdanas,  cho  luath  agus  a  tha  iad 
laidir  gu  leor,  rioghachd  an  deidh  rioghachd 
a  cheannsachadh,  agus  a  thoirt  fo  'n  aon 
ordugh  riu  fein.  Am  bitheantas  foghnaidh 
dhaibh-san  maoidheadh,  gu  bhi  a'  faighinn 
an  toil  air  gach  cinneach  gun  dortadh  fola. 
Sin  an  teagasg  bha  iad  a'  maoidheadh  oirnne 
cheana,  gu  sonraichte  a  thaobh  oighreachdan 
Africanach  a  chaill  iad  anns  a'  Chogadh 
Mhor  ;  agus  chan  'eil  an  teagamh  as  lugha, 
n'  an  soirbhicheadh  leis  a'  Ghearmailt  'n  a 
foirneart  air  a  coimhearsnaich  an  drasda, 
nach  b'  fhad  an  dail  gus  an  tionndadh  i 
oirnne  le  a  h-uile  chumhachd. 

Chan  'eil  teagamh  nach  e  so  roinn  mhaith 
de  aobhar  a'  gheallaidh  a  thug  sinne  agus 
an  Fhraing  do  Pholand,  agus  a  chuir  sinn 
gu  cogadh  goirid  'na  dheidh  ;    seadh,  gu'n 


6 


AOBHARAN  A'  CHOGAIDH 


robh  siim  fein  anns  a'  cheart  chunnart,  ged 
nach  robh  e  cho  dltith,  no  cho  bagrachail 
oirnne  is  a  bha  e  oirre-se. 

Prionnspalan  riaghlaidh. 

Ach  tha  tuilleadh  is  sin  air  a'  chuis  ;  agus 
gu  sonruichte  so,  na  prionnspalan  riaghlaidh 
a  tha  na  Gearmailtich  a'  cleachdadh  'n  an 
dtithaich  fein,  agus  anns  na  duthchanna  a  tha 
iad  a'  cur  fo  'n  cuing.  Na  'n  robh  na  prionn- 
spalan sin  cothromach  ;  'n  an  robh  an  Staid 
Ghearmailteach  a'  cur  dion  laghail  air  beatha, 
air  cuid,  agus  air  coirichean  cumanta  dhaoine; 
n'  an  robh  i  a'  ceadachadh  dhaibh  saorsa 
coguis,  saorsa  beachd,  saorsa  facail,  agus 
saorsa  cruinneachaidh  ;  agus  na  'n  robh  i  a' 
feuchainn  ri  ceartas  a  fhrithealadh  do  gach 
seorsa  sluaigh  a  tha  an  taobh  a  stigh  d'a 
criochaibh — ni  air  son  an  robh  an  t-seann 
lompaireachd  Romanach,  a  dh'  aindeoin  a 
cruais,  iomraiteach  agus  onorach — is  docha 
nach  bu  mhiosa  do  'n  t-saoghal  ise  a  sgaoil- 
eadh  a  sgiathan,  agus  a  cothrom  a  dhol  arm 
am  meud,  na  'n  tachradh  sin,  gun  mhilleadh 
no  gun  chall  d'a  coimhearsnaich.  Cha 
mhotha  bhiodh  e  furasda  a  roinn  de  dhiith- 
channa  nach  'eil  'g  an  oibreachadh  a  dhiultadh 
dhi. 

Ach  an  aite  sin,  is  ami  a  tha  againn  anns 
a'  Ghearmailt  an  diugh  seorsa  riaghlaidh  a 
tha  'n  a  aobhar  uamhais  ;  a  tha  a'  deanamh 
tair  air  duine  mar  dhuine  ;  a  tha  a'  diultadh 
dha  dion  laghail  air  a  phearsa  agus  air  a 
chuid  ;  a  spionas  a  mach  o  chagailt  e,  a 
thilgeas  am  priosan  e  ;  a  sgivirsas  e  gus  am 
bi  fheoil  'g  a  sracadh,  agus  a  mharbhas  e, 
gun  chuirt,  gun  mhod,  chan  ann  air  son  eucoir 
air  bith,  ach  air  son  bheachdan  ;  no  a  chionn 
gu  bheil  full  ludhach  ann  ;  no  do  bhrigh 
nach  toir  e  do  Hitler  an  iimhlachd  a  bhuineas 
a  mhain  do  Dhia.  Geur-leanmhuinn,  far- 
chluais,  agus  eagal — sin  priomh  innealan 
riaghlaidh  na  h-Uachdranachd  ud,  a  tha  a' 
deanamh  tair  air  gach  sluagh  anns  nach  'eil 
full  Ghearmailteach  ;  a  tha  a'  deanamh  tair 
shonruichte  agus  eucoir  nach  gabh  tomhas 
air  na  h-Iudhaich  ;  a  tha  a'  deanamh  tair 
air  Criosd  agus  air  prionnspalan  a  theagaisg, 
gu  sonruichte  irioslachd,  truacantas,  trocair, 
gradh  coimhearsnaich,  deagh-ghean  do 
dhaoine  mar  dhaoine  ;  tha  na  prionnspalan 
diadhaidh  so  uile  air  an  aicheadh  agus  air 
an  toirmeasg.  Tha  an  oigridh  'g  an  teagasg 
ann  an  spiorad  nan  gaisgeach  's  e  sin  cruas, 
uabhar,  agus  naimhdeas  ;  agus  tha  cogadh, 
sgrios,  spuinneadh,  agus  cumhachd  thairis  air 
rioghachdan  eile,  air  an  glorachadh  dhaibh 
leosan  a  tha  'g  an  oileineachadh. 


Crois  nan  cinneach. 

Chan  fhaicear  a'  Chrois  Chriosduidh  'n  am 
measg,  ma  ghabhas  i  falach  ;  ach  chithear 
gu  leor  de  sheann  Chrois  Cham  dhuaichnidh 
nan  cinneach,  anns  nach  'eil  cuimhneachan 
air  ni  maith  air  bith.  Ged  nach  leig  an  t-eagal 
leo  na  h-eaglaisean  a  dhimadh,  tha  iad  a' 
tarruing  na  h- oigridh  uapa,  anns  a'  bheachd 
ann  an  tiine  ghoirid,  gu'm  bi  na  h-eaglaisean 
gun  chomhthionailean,  agus  gu'm  basaich 
an  Creideamh  Criosduidh  de  chion  luchd- 
aideachaidh.  Mar  sin  tha  iad  an  dochas 
gu'n  teid  as  do  phriomh  namhaid  na  Gear- 
mailte  Moire — 's  e  sin,  am  bacadh  a  tha 
teagasg  Chriosd  a'  cur  air  ruintean  breuna, 
foirneartach  ;  agus  gu'm  faigh  an  sar-shluagh 
so  mu  dheireadh  an  cead  gu  bhi  a'  leagail  an 
cuinge,  le  an  cumhachd  armaichte,  thairis  air 
rioghachdan  as  luige,  gun  choguis,  gun 
amharus,  gun  bhuige.  Bithidh  uachdranachd 
aca-san,  tha  iad  an  dochas  o  fhairge  gu  fairge, 
agus  o'n  abhainn  gu  ruig  criochan  na  talmh- 
ainn — "  a'  Ghearmailt  os  cionn  nan  uile," 
mar  a  dh'  eigheas  iad  'n  an  comhdhailean. 

A'  Ghairm. 

Ann  an  aon  fhacal,  tha  iad  ann  am  beachd 
an  dtithaich  fein,  agus  duthchanna  eile  a 
riaghladh  le  prionnspalan  Shatain.  Sin 
agaibh  a  reir  mo  thuigse-sa,  fior  aobhar  a' 
chogaidh  so,  an  oidhnp  ud  air  Staid  Ain- 
diadhaidh  euceartach  a  dheanamh  uile- 
chumhachdach  anns  an  Roinn-Eorpa  ;  oir 
cho  luath  is  a  nochdadh  an  run  breun  ud  gu 
soilleir  do'n  t-saoghal,  thainig  gairm  o'n  aird 
nach  gabhadh  diilltadh  gu  Breatunn  agus  an 
Fhraing  gu  sonruichte,  dol  an  uidheam  gu 
bhi  a'  briseadh  na  h-oidhirp  eu-ceiUidh  agus 
a'  toirt  gu  neo-ni  run  dor  cha  nan  amadan. 
Chan  'eil  sinne  no  an  Fhraing  gun  iomadh 
aobhar  aithreachais  ann  am  fianuis  Dhe  agus 
dhaoine  ;  ach  a  dh'  aindeoin  sin  uile,  fhuair 
sinn  a'  ghairm  eifeachdach  so  ann  am  freasdal 
Dhe.  Fuilingidh  sinn  uile  gun  teagamh  ;  ach 
tha  ar  sluagh  an  diugh  aonaichte  agus  taingeil 
gu  bheil  iad  mu  dheireadh  'n  an  seasamh,  a' 
comhrag  air  son  firiim,  saorsa,  agus  ceartas, 
feadh  an  t-saoghail,  seach  mar  a  bha  iad  fad 
bhliadhnachan  ann  an  ioma-cheist  agus  naire, 
am  feadh  is  a  bha  na  fir-staid  aca  a'  feuchainn 
a  bhi  reidh  ri  reubairean  rioghachdan  agus 
creachadairean  anama  dhaoine. 

Aon  uair  eile,  ma  ta,  fhuair  sinne  mar 
shluagh  an  t-urram  ard  so,  eadhon  seasamh 
agus  comhrag  agus  fulang  air  sgath  na  tha 
a'  deanamh  beatha  mhic  an  duine  air  an 
talamh  luachmhor  agus  onorach.  FuiUngidh 
sinn  uile  ;  ach  biodh  deagh  mhisneach  againn. 
Tha  sinn  ann  an  slighe  ar  dleasdanais  ;    tha 


AOBHARAN  A'  CHOGAIDH— AIG  AN  UINNEIG 


cumhachdan  neo-fhaicsinneach  'g  ar  neart- 
achadh  ;  agus  tha  deagh  aobhar  againn  a  bhi 


a'  creidsinn,  ged  a  bhruthar  ar  sail,  aig  a' 
cheart  am,  gu'n  saltrar  air  ceann  na  nathrach. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Alasdair  MacRath 

BHA  mi  duilich  fhaicimi  gu'n  do  chaochail 
am  ministear  maith  so  aim  an  deireadh 
lanuari ;  fear-teagaisg  soisgeutach  agus  fear- 
seanchais  gasda  aig  an  robh  moran  naidh- 
eachdan  mu  sheana  mhinistearan  an  taobh 
Tuath. 

Bhris  air  a  shlainte  ann  an  1932,  agus 
b'  fheudar  dha  an  eaglais  a  bha  aige  ann 
an  Tung,  an  Cataibh,  fhagail.  M'an 
deachaidh  e  do  Thung  an  1926,  bha  e  ann 
am  Partick,  an  Glaschu  ;  'na  dheidh  sin  an 
Craoich,  an  Cataibh  ;  ann  an  Tairbeart 
Chinn-tire  ;  agus  ann  an  Rattraidh,  am 
Peaii't. 

Bhuineadh  e  do  Cheann-Loch-Biorbhuidh, 
agus  bha  e  diithchasach  dha  tiidh  a  bhi 
aige  anns  na  "  daoine  "  agus  na  "  mnathan 
diadhaidh  "  o  shean  air  am  biodh  e  a' 
deanamh  seanchais  agus  a  sgriobhadh. 
Bha  ealain  mhaith  aige  air  Gaidhlig  a 
sgriobhadh,  agus  ged  nach  robh  e  fein  'g  a 
shaoilsinn,  bha  na  nithean  a  bhiodh  e  a' 
sgriobhadh  as  a  cheann  fhein  moran  na  b' 
fhearr  na  na  nithean  a  bhiodh  e  a'  dioghlum 
cho  ctiramach  a  teagasg  agus  seanchas  nan 
aithrichean  agus  i^an  "  daoine  "  an  Cataibh 
agus  an  Ros. 

Bha  e  'na  mhinistear  soisgeulach,  agus 
theodhadh  a  chridhe  ri  fuaim  "  diisgaidh," 
ge  b'e  aite  no  doigh  anns  an  robh  an 
dusgadh  a'  dol  air  aghaidh.  Leugh  mi  dha 
no  tri  de  na  leabhraichean  a  sgriobh  e, 
leabhraichean  beaga  ctibhraidh  anns  a  bheil 
bias  agus  aile  na  diadhaidheachd.  SgTiobh 
mi  uaireigin  cheana  mu  fhear  dhiubh  sin 
air  an  duilleig  so,  "  Teine  Dhe  am  measg  an 
Fhraoich." 

An  t-OUamh  Tearlach  D.  Bentinck 

Ann  am  mios  lanuari  thainig  call  eile  air 
Eaglais  na  h-Alba  le  bas  mo  charaid,  seana 
mhinistear  Dhornoch,  ministear  cho  maith 
's  a  bha  anns  an  taobh  Tuath. 

Rugadh  e  an  Cinn-Ghitibhsaich  an  1866  ; 
bha  e  air  oileanachadh  an  Oilthigh  Dhim- 
eideann,  far  an  do  choisinn  e  M.A.  an  1886, 
agus  an  Oilthigh  ChUl-rimhinn,  far  an  do 
choisinn  e  B.D.  an  1888.  An  deidh  dha  cead- 
searmonachaidh  fhaotainn  o  Chleir  Obar- 
neithe  bha  e  greis  'n  a  fhear -cuideachaidh 
an  eaglais  Chaluim-cille  an  Glaschu,  ach  an 
ceann  bliadhna  bha  e  air  a  shuidheachadh 


ann  an  Cnoc-Mhoire,  an  Inbhir-nis  (an  1889) 
agus  gun  e  ach  tri  bliadhna  fichead.  Ann 
an  1907  dh'fhag  e  Cnoc-Mhoire,  agus  chaidh 
e  do'n  eaglais  Mhoir  ann  an  Dornoch,  eaglais 
an  Naoimh  Gilbeart,  far  an  do  shaothraich 
e  gus  an  do  leig  e  dheth  obair  na  sgire  an  1934. 

Cha  robh  Tearlach  Bentinck  riamh 
comharraichte  mar  shearmonaiche,  ach  bha 
e  comharraichte  mar  aodhair  dileas  agus 
dleasdanach  a  bha  cho  fritheilteach  d'a 
choimhthional  's  gu'm  biodh  a  chas  air  na 
stairsnichean  aca  gun  sgur.  Bha  mise  anns 
an  aon  chleir  ris  coig  bliadhna  ;  bhithinn  a' 
dol  do  Chnoc-Mhoire  gle  thric,  is  b'  aithne 
dhomh  gu  maith  doighean  Mhgr  Bentinck  ; 
ged  nach  deanadh  muinntir  Chnoc-Mhoire 
ach  am  meur  a  ghearradh  rachadh  e  g'  am 
faicinn,  is  leanadh  e  air  dol  'g  am  faicinn, 
gus  an  rachadh  i  na  b'  fhearr.  Bha  e  'n  a 
dhuine  seanchasach  ris  an  robh  e  furasda  do 
gach  seorsa  dhaoine  dol  a  bhruidhinn ; 
treabhaichean  agus  searbhantan,  balaich 
agus  caileagan  ;  bha  baighealachd  nadurra 
ann  a  bhiodh  a'  tarruing  dhaoine  'g  a 
ionnsuidh  mar  nach  tairngeadh  eolas  no 
talantan-labhairt. 

Bha  uidh  mhor  aige  ann  an  obair  na 
h- eaglais,  aig  an  tigh  agus  thar  chuantan  ; 
gus  an  do  thoisich  an  aois  air  laighe  air  cha 
robh  ministear  eile  anns  an  taobh  Tuath  a 
bha  dol  cho  trie  ris  do  Dhim-eideann,  far  a 
bheil  Cinn  na  h-Eagiais  a'  cur  an  comhairle 
ri  cheile  agus  a'  cur  nan  cuibhlichean  mu'n 
cuairt. 

Ach  ged  bha  lamh  aige  ann  an  obair  na 
h-eagiais  an  taobh  a  muigh  de  Sgir  Dhornoch 
cha  do  rinn  e  riamh  dearmad  (mar  is  trie  a 
tha  tachairt)  air  a'  choimhthional  fhein  ;  a 
Shabaid  agus  a  sheachduin  bhiodh  e  air  a 
thurusan  anns  a'  bhaile  am  measg  bhochdan 
agus  dhaoine  tinne. 

Bha  ealain  aige  ait'  airgiod  a  chruinn- 
eachadh,  agus  thruis  e  suim  mhor  a 
dheanamh  Ard-eaglais  Dhornoch  cho  breagh 
agus  cho  maiseach  's  a  bu  choir  dhi  bhith. 
A  thuilleadh  air  sin  sgriobh  e  leabhar  mor 
tiugh  mu  eachdraidh  na  h-eaglaise  Moire 
agus  mu  eachdraidh  na  sgire,  leabhar  nach 
b'  urrainn  duine  air  bith  a  sgriobhadh  gun 
mhoran  saothair  agus  rannsachaidh.  As  a 
thigh -tasgaidh  bhiodh  e  a'  toirt  nithe 
nuadh  agus  sean  do  Chomunn  Gaidhlig 
Inbhir-nis. 


AIG  AN  UINNEIG 


Mar  sheula  air  obair  agus  air  a 
sgoilearachd  thug  Oilthigh  Chill-rimhinn 
D.D.  dha  an  1925. 

B'  e  an  t-Oliamh  Te^rlach  Bentinck  am 
ministear  mu  dheireadh  a  b'  aithne  dhomh 
aig  an  robh  teaghlach  mor  ;  naoinear  o'n 
cheud  mhnaoi,  nighean  do'n  Urramach 
Seumas  Friseal,  M.A.,  a  bha  ann  an 
Earghlais,  dluth  do  Mhanachainn  Mhic 
Shimidh.  Ged  nach  'eil  cho  fada  o  shiubhail 
Seumas  Friseal  thubhairt  e  rium  uaireigin 
gu  'm  b'  esan  a'  cheud  mhinistear  a  chunnacas 
riamh  air  bicycle  an  lonar-pheofharan  ;  bha 
seana  mhnathan  anns  na  dorsan  a'  glaodhach 
ris,  "  Mo  naire,  mo  naire." 

Dithis  a  bu  choire  no  a  b'  aoibheile  'n 
an  tigh  fein  na  Tearlach  Bentinck  agus  a 
bhean  chan  fhaigheadh  tu  ann  an  seachd 
siorramachdan.  Shiubhail  ise  ann  an  1932  ; 
ann  an  deireadh  a  laithean  phos  e  bantrach 
an  Urramaich  Seoras  R.  MacGill  Fhinnein, 
a  bha  ann  an  Inbhir-Theorsa. 

Anns  an  uair  sin  fein. 

Ann  an  soisgeul  Lucais  (XII.,  11-12)  tha  e 
air  a  radh,  "  Na  bitheadh  e  'n  a  ro-chiiram 
oirbh  cionnus  no  ciod  a  fhreagras  sibh,  oir 
teagaisgidh  an  Spiorad  naomh  dhuibh  anns 
an  uair  sin  fein  na  nithean  as  coir  dhuibh  a 
radh."  Chuala  mi  duine  maith  uaireigin  a' 
diteadh  mhinistearan  a  bhios  a'  leughadh 
an  searmoin,  agus  'g  a  sheasamh  fein  leis  an 
fhacal  so  a  soisgeul  Lucais.  Ciod  air  bith 
a  tha  na  briathran  a'  ciallachadh,  tha  mi  an 
diiil  nach  e  sin  a  tha  iad  a'  toirmeasg,  oir 
ma  tha  duine  air  a  theagasg  leis  an  Spiorad 
naomh  is  coma  do'n  luchd-eisdeachd  co 
dhiubh  a  leughas  no  labhras  e  an  ni  a  f  huair 
e  o'n  Spiorad  naomh. 

Ach  ma  tha  aon  air  bith  de  m'  bhraithrean, 
ministear  no  ceistear,  a'  dol  a  shearmonachadh 
air  a'  cheann-theagaisg  so  bu  mhaith  learn 
naidheachd  a  thoirt  dha  a  chuireas  solus  air 
a'  ghealladh  so  a  thug  Criosd  d'a  dheisciobuil. 

Uair  a  bha  Seoras  I.  Holyoake,  duine  aig 
an  robh  inntinn  laidir  gheur  ach  nach  robh 
a'  creidsinn  anns  a'  BhiobuU,  no  anns  a' 
chreideamh  Chriosduidh,  a  toirt  seachad 
oraid  ann  am  baUe  ann  an  Sasunn,  c6  a  bha 
anns  an  TaUa  mhor  anns  an  robh  e  a'  cur 
an  aghaidh  a'  Chreidimh  ach  am  fear  nach 
maireann,  an  t-OUamh  loseph  Parker,  agus 
e  aig  an  am  'n  a  mhinistear  6g. 

Cha  robh  e  furasda  do  loseph  Parker  uair 
air  bith  a  bhi  samhach  agus  argumaid  a' 
dol  air  aghaidh,  agus  is  e  a  thainig  as  a' 
chomhdhail  ud  gu'n  do  lean  an  dithis  orra 
fad  tri  oidhchean,  a'  freagairt  a  cheile  agus 
a'  reusonachadh  mu  Dhia,  agus  mu'n 
BhiobuU,  agus  mu  Chriosd. 


Fad  nan  tri  oidhchean  chaidh  an  deasbud 
air  aghaidh  gu  ciallach  agus  gu  h-uasal,  gun 
an  dara  fear  ag  radh  dad  a  bheireadh 
oilbheum  do'n  fhear  eile,  ach  gach  fear 
dhiubh  a'  seasamh  a  bheachdan  fein  mar  a 
b'  fhearr  a  b'  urrainn  dha. 

An  uair  a  chuir  Holyoake  a'  cheist  so  air 
Parker,  "  An  do  chuidich  Dia  le  Stephen  an 
uair  a  bha  e  air  a  chlachadh  agus  air  a 
mharbhadh,  no  an  do  rinn  e  dad  idir  air  a 
shon  ?  ",  cha  robh  fhios  aige  fad  ceathramh 
na  mionaide  ciod  an  fhreagairt  chothromach 
a  bheireadh  e  do'n  cheist,  oir  cha  b'  urrainn 
e  a  radh  gu'n  do  shaor  Dia  Stephen  o'n 
bhas,  no  gu'n  robh  a  fhreasdal  timchioU  air 
'n  a  chas.  Ach  ann  an  ceathramh  na 
mionaide  sin  rian  e  mar  rinn  Nehemiah,  rinn  e 
iirnuigh  ri  Dia  nan  neamh,  agus  gu  la  a 
bhais  bha  e  cinnteach  gu'n  do  chuir  an 
Spiorad  'n  a  bheul  na  briathran  leis  an  do 
fhreagair  e  a'  cheist.  "  Ged  nach  do  shaor 
Dia  'n  a  fhreasdal,"  ars'  esan,  "  Stephen  o'n 
bhas,  agus  ged  nach  cuala  agus  nach  faca  na 
mortairean  dad  a  dhearbhadh  dhaibh  gu  robh 
Dia  dluth  d'a  sheirbhiseach,  rinn  Dia  ni  a 
bu  mhiorbhuihche  air  a  shon  na  ged 
chuireadh  e  ainglean  'ga  shaoradh,  thug  e 
comas  do  Stephen  a  radh,  '  A  Thighearna, 
na  cuir  am  peacadh  so  as  an  leth.'  Sin  agad 
ciod  a  rinn  Dia  air  son  a  sheirbhisich,  agus 
ma  dh'  aontaicheas  tu  gu  bheil  cumhachd 
air  bith  ann  am  ministrealachd  spioradail 
de'n  t-seorsa  sin,  no  gu  robh  buaidh  air  bith 
aig  briathran  Stephein  air  cridheachan 
dhaoine  eUe  troimh  na  linntean,  saoilidh  mi 
gu'n  aidich  thu  gu'n  do  rinn  Dia  'na  fhreasdal 
ni  mor  agus  miorbhuileach  air  son  Stephein." 

Bha  Seoras  Holyoake  'n  a  dhuine  onorach, 
uasal  an  deasbud  agus  an  argumaid,  agus 
cha  d'thubhairt  e  an  corr  air  a'  phuing  ud  ; 
dh'  fhag  e  an  gnothuch  mar  dh'  fhag  Parker 
e  gun  a  fhreagairt. 

Obair  Dhiomhain 

An  uair  a  thoisicheas  duine  air  e  fhein 
fhireanachadh  theid  aige  air  dreach  na 
firinn  a  chur  air  a'  bhreig.  / 

Tha  an  dara  leth  de  shluagh  an  t-saoghail 
a'  cur  seachad  an  dara  leth  d'  an  tiine  'g  am 
fu-eanachadh  fhein. 

An  uair  a  chuireas  duine  roimhe  rud  air 
bith  a  dheanamh  gheibh  e  fichead  lethsgeul 
air  son  a  dheanamh. 

Agus  gabhaidh  e  ris  an  lethsgeul  a  ni  e 
fhein  ged  nach  gabhadh  e  ris  na'm  b'  e 
duine  eUe  a  rinn  e. 

Chan  'eU  mealltair  air  an  t-saoghal  as 
miosa  na  an  fhein-speis  a  tha  ann  an  cridhe 
gach  duine. 

mk:orc^odale 


Aireamh  6 


1940 


Cairdean  losa 

Is  sibhse  mo  chairdean-sa . — Eoin   XV.,  14. 


CHAN  'eil  teagamh  nach  d'  thug  e  toil- 
inntinn  mhor  do  na  deisciobuil  an  uair  a 
thubhairt  losa  riu,  "  Is  sibhse  mo  chairdean- 
sa,"  oir  b'  ion  daibh  moit  a  bhi  orra.  Cha 
fhreagradh  e  dhaibhsan  a  radh  gu'm  b'e  losa 
an  caraid-san,  agus  cha  mho  a  thubhairt  iad 
e,  no  a  rinn  iad  boilich  as  an  daimh  anns  an 
robh  iad  do  losa.  Ciod  air  bith  na  faihngean 
eile  a  dh'  fhaodadh  a  bhi  anns  na  h-abstoil 
cha  robh  an  fhaihng  annta  dol  ro  dh^na  air 
losa.  Ged  bha  iad  cho  eolach  air,  agus  ged 
bha  caidreamh  cho  dluth  eatorra,  cha  do 
dhichuimhnich  iad  riamh  an  t-urram  a  bha 
dhgheaoh  a  thoirt  da.  Bha  cuid  de  na 
h-abstoil  cairdeach  dha  a  thaobh  na  feola  ; 
bha  Seumas  agus  ludas  air  an  togail  anns  an 
aon  teaghlach  maille  ris,  ag  itheadh  aig  an  aon 
bhord  ris,  agus  a'  cadal,  theagamh,  anns  an 
aon  leabaidh  ris  ;  bha  iad  'n  an  cairdean  dha 
ann  an  da  dhoigh,  le  ceangal  na  fala  agus  le 
bann  na  deisciobuUeachd,  ach  ma  bha,  an  uair 
a  thoisich  iad  air  htrichean  a  sgriobhadh  a 
chum  na  h-eaglais  cha  d'  thuirt  iad  aon  fhacal 
uime  sin ;  sgriobh  iad  mar  sheirbhisich  an 
Tighearn  losa.  "  Tha  Seumas  seirbhiseach 
Dhe,  agus  an  Tighearn  losa  Criosd,  a'  cur 
beannachd  chum  an  da  threubh  dheug  a  tha 
air  an  sgapadh  o  cheile."  Ach  ged  nach  do 
ghabh  na  deisciobuil  orra  fein  dol  ro  dhana 
air  am  Maighstir  agus  an  Tighearna,  chan  'eil 
teagamh  air  bith  nach  do  leum  an  cridhe  le 
moit  is  gairdeachas  an  uair  a  thubhairt  e 
fein  an  rud  nach  freagradh  dhaibh-san  a  radh, 
"  Is  sibhse  mo  chairdean-sa." 

Daimh  bhlath. 

Uair  eile  thubhairt  e  riu,  "  Tha  sibh  ag 
radh,  Maighstir,  agus  Tighearna,  riumsa ; 
agus  tha  sibh  ag  radh  gu  maith  ;  oir  is  mi 
sin "  ;  ach  an  so  tha  e  ag  r^dh  gu  bheil 
daimh  eUe  agus  daimh  as  blaithe  na  sin 
eadar  e  fein  agus  iadsan,  d^imh  a'  chairdeis 
agus  a'  ghraidh.  Bha  e  air  bheul  an  saoghal 
fhagail ;  bha  e  dol  a  chur  nan  abstol  a  mach 
gus  an  saoghal  a  chosnadh  dha,  agus  a'  fagail 
rioghachd  Dhe  air  thalamh  air  an  ctiram  ; 
ach  m'an  do  chuir  e  a  mach  iad  ghabh  e  an 
cothrom  air  innseadh  dhaibh  gu  robh  e  'g 
an  cur  a  mach,  chan  ann  mar  sheirbhisich  a 
mhain  ach  mar  chairdean.  B'e  sin  an  doigh 
a  ghabh  e  air  innseadh  dhaibh  gu  robh  Ian 
earbsa  aig  annta ;  earbsa  'n  an  dilseachd 
agus  'n  an  dichioU. 


Bho  thaobh  Chriosd  tha  an  cairdeas  so  a' 
ciaUachadh  gu'n  toir  e  solus  d'a  shluagh  ; 
gu'n  dean  e  'inntinn  agus  a  riiintean  soiUeir 
dhaibh,  agus  gu'n  ton  e  dhaibh  eolas  nan 
nithean  sin  a  tha  e  feumail  dhaibh  eolas  a  bhi 
aca.  "  Ghairm  mi  cairdean  dibh  ;  oir  na 
h-uile  nithean  a  chuala  mi  o'm  Athair,  rinn 
mi  aithnichte  dhuibh-sa  iad."  Ma  bu  mhaith 
leat  fhaotainn  a  mach,  mata,  a  bheil  thusa  am 
measg  cairdean  Chriosd,  ceasnaich  thu  fein 
feuch  a  bheil  thu  a'  faotainn  an  t-soilleireach- 
aidh  so  a  thaobh  nan  nithean  a  bhuineas  do 
rioghachd  Dhe  agus  do'n  t-saoghal  neo- 
fhaicsinneach.  Ma  tha  thu  an  diugh  far  an 
robh  thu  fichead  bliadhna  roimhe  so,  gun  dol 
aon  cheum  air  t'  aghaidh  ann  an  eolas,  no 
ann  an  creideamh,  no  ann  an  gHocas,  is  ion 
dhuit  eagal  a  bhi  ort  nach  'eil  thu  'g  ad 
chumail  fein  ann  an  co-chomunn  Chriosd. 

Bho  ar  taobh-ne  tha  an  cairdeas  so  a' 
ciaUachadh  gu'm  feum  sinn  timhlachd  a 
thoirt  d'ar  Slanuighear.  Sin  an  ciimhnant 
air  an  aidich  e  sinn  mar  a  chairdean,  "  Is 
sibhse  mo  chairdean-sa  ma  ni  sibh  na  nithean 
a  tha  mi  ag  aithneadh  dhuibh."  Tha  Criosd 
ag  iarraidh  da  ni  shonruichte  o  shluagh,  gradh 
is  timhlachd  ;  agus  as  eugmhais  nan  nithean 
sin  cha  bhi  e  riaraichte,  eadhon  ged  a  dhean- 
adh  iad  an  teanga  tana  a'  moladh  'ainme 
anns  na  sraidean.  Chan  urrainn  duine 
dearbhachd  no  comhfhurtachd  a  bhi  aige  a 
thaobh  a  sheasaimh  an  lathair  Dhe,  mur 
bheU  a  chasan  agus  a  lamhan  luath  gu  toil 
Dhe  a  dheanamh.  "  Rinn  mi  cabhag,"  ars' 
an  sahnadair,  "  chum  t'aitheantan  a  choimh- 
ead." 

Da  shedrsa  umhlachd. 

Tha  miighadh  mor  eadar  seirbhiseach  agus 
caraid.  Faodaidh  e  bhith  nach  'eil  anns  an  t- 
seirbhiseach  ach  inneal  ann  an  laimh  a 
Mhaighstir.  Ni  e  an  car  a  gheibh  e  r'a  dhean- 
amh, agus  oibrichidh  e  na  h-uairean,  ach  chan 
'eil  caidreamh  no  companas  eadar  e  fein  agus 
a  Mhaighstir  ;  chan  fhosgail  a  Mhaighstir 
'inntinn  dha  agus  cha  mho  a  chuireas  e  a 
chomhairle  ris.  Chan  e  sin  an  daimh  fhvxar 
a  bu  mhaith  le  losa  a  bhi  eadar  e  fein  agus  a 
dheisciobuU;  gheall  e  gu'm  fosgladh  e  'inntinn 
dhaibh,  agus  bu  mhaith  leis  gu'n  tuigeadh  iad 
a  riiintean.  Chleachd  e  gach  innleachd  a 
ghabhadh  chleachdadh  gus  diomhaireachdan 
na    rioghachd   fhosgladh    dhaibh,    agus    bu 


CAIRDEAN  lOSA 


mhaith  leis  gu'n  tuigeadh  iad  uile  na  nithean 
a  bha  aige  's  an  amharc. 

Tha  d^  she6rsa  iiinhlachd  ann  a  dh'  f  haodar 
a  thoirt  do  Dhia,  timhlachd  mharbh  agus 
timhlachd  bheo.  Tha  na  reultan  a'  toirt 
timhlachd  dha,  oir  tha  iad  a'  leantuinn  an 
ctirsa  anns  na  speuran  gun  dol  lend  na 
roinneig  a  null  no  nail.  Ach  ma  tha,  chan 
'eil  ann  an  timhlachd  nan  reultan  ach 
timhlachd  mharbh,  oir  chan  urrainn  iad  an 
corr  a  dheanamh.  Ach  tha  e  ann  an  comas 
mhic  an  duine  roghainn  a  dheanamh  co  dhiu 
a  bheir  e  timhlachd  do  Dhia  no  nach  toir,  air 
chor  agus  ma  roghnaichneas  e  lagh  Dhe  a 
choimhead,  gu  bheU  e  'g  a  dheanamh  le  saorsa 
a  thoUe,  agus  mar  sin  gu  bheil  'timhlachd 
beo.  Sin  an  timhlachd  as  toigh  le  Criosd, 
timhlachd  bheo  o  dhaoine  saor  ;  o  dhaoine  air 
nach  'eil  cuing  air  bith  ach  cuing  a'  chairdeis 
agus  a'  ghraidh. 

CumhacM  Ghriosd. 

0  bheatha  nan  abstol  agus  o  bheatha 
mhiltean  anns  an  Ik  diugh  tha  e  furasda  gu 
leoir  fhaicinn  gu  bheil  cumhachd  is  eifeachd 
ann  an  cairdeas  Chriosd  nach  'eU  ann  an 
c^irdeas  eUe  air  an  t-saoghal.  Ann  an  laithean 
fheola  dh'  aithnich  eadhon  an  naimhdean  air 
cuid  de  na  h-abstoU  gu  robh  iad  maille  ri  losa. 
Gabhaidh  sin  aithneachadh  air  daoine  an 
diugh  cuideachd.  Tha  e  a'  deanamh  nan  uile 
nithean  nuadh  anns  na  cridheachan  a  ghabhas 
ris,  agus  a'  cruth-atharrachadh  nan  daoine  a 
ghluaiseas  maiUe  ris.  Tha  e  a'  deanamh 
maiseach  is  glormhor  gach  ni  no  neach  ris  am 
bean  e.  Eadhon  ged  nach  beanadh  duine  ach 
ri  iomaU  'fhaUuinn  gheibh  e  beannachd  air 
chor-eigin  an  cois  a  thighinn  dltith  dha.  Tha 
cuid  de  dhaoine  ann  agus  miUidh  an  cairdeas 
ar  beusan  agus  ar  beatha,  ma  ni  sinn  cairdean 
dhiubh.  Anns  gach  comunn  anns  am  bi  iad, 
tha  iad  mar  a'  ghaoth  fhuar  reota  a  chrionas 
feur  is  fochann ;  is  misd  thu  aileadh  an 
analach  fhaotainn.  Ach  tha  daoine  eUe  ann 
a  tha  mar  bhlaths  caomhaU  na  greine  no  mar 
ghaoth  bhog  an  earraich  a  bheir  fas  is  toradh  ; 
is  fhe^irrd  thu  a  bhi  'n  an  comunn  eadhon 
coig  mionaidean,  oir  bheir  iad  dhuit  caU  tir 
air  son  nan  nithean  a  tha  fior-ghlan  agus 
ion-mholta.  Sin,  mata,  a'  bhuaidh  a  tha  aig 
Criosd  thairis  air  a  chairdean.  Duisgidh  e 
annta  gaol  nan  nithean  air  a  bheil  gaol  aige 
fein. 

Droch  chompanaich. 

Ma  tha  e  ceart  dhuinn  caraid  maith  a 
thaghadh  tha  e  ceart  dhuinn  cuideachd 
cairdean  dona  a  sheachnadh.  Tha  moran  de 
dhaoine  oga  a'gabhaU  a'  cheud  cheum  ann 
an  slighean  ain-diadhaidh  a  chionn  nach  do 


thagh  iad  an  companaich  gu  otiramach, 
Nach  mor  an  t-aobhar  eagail  a  tha  ann  do 
ph^rantan  an  uair  a  chi  iad  am  mac,  no  gu 
sonruichte  annighean,  a'  deanamh  companach 
de  leithid  Absolom.  Ged  bha  Absolom 
maiseach  'n  a  phearsa  cha  robh  ann  ach  diti 
nan  gUlean.  B'  fhada  bho  cheile  e  fein  agus 
'athair.  Ged  bha  f^ihngean  mora  agus 
uamhasach  ann  an  Daibhidh,  bha  cridhe  ann, 
agus  gr^dh  ;  chuireadh  e  e  fein  mu'n  cuairt 
air  son  dhaoine  eUe  agus  bha  e  'n  a  charaid 
dileas  is  blath.  Bha  Daibhidh  'n  a  dhuine 
b&,igheil ;  an  cairdeas  a  bha  eadar  e  fein  agus 
lonatan  chaidh  e  os  cionn  gaol  bhan.  Ach 
cha  robh  baigh  no  blaths  ann  an  cridhe 
Absolom  ;  bha  a  chridhe  cho  fuar  's  a  bha 
e  cho  dubh  ;  chuir  e  a  chompanaich  uile  air 
seachran  cho  maith  ris  fein.  Tha  facal  an 
Tighearn  ag  r^dh,  gu'n  sgriosar  companach 
nan  amadan,  agus  esan  ata  'n  a  chompanach 
do  luchd-craois,  gu'n  naraich  e  'athair.  Nach 
sona,  mata,  na  p^rantan  a  chi  an  clann  a' 
deanamh  mar  a  rinn  an  salmadair  ;  "is  fear- 
comuinn  mi,"  ars'  esan,  "  dhaibh-san  uile 
air  am  bi  t'  eagal,  agus  dhaibh-san  a  ghleidh- 
eas  do  reachdan." 

luchair  a'  ghraidh. 

An  uair  a  bhios  sinn  a'  smuaineachadh  air 
losa  mar  ar  caraid  agus  ar  brathair  cuimh- 
nicheamaid  cuideachd  air  na  cairdean  dluth 
is  dileas  a  bha  aige  ann  an  laithean  fheola, 
agus  guidheamaid  air  Dia  gu'n  deanadh  e 
sinne  coltach  riu  anns  a'  ghaol  a  bha  aca  air 
losa  ;  gu'n  deanadh  e  coltach  sinn  ri  Eoin  a' 
Bhaistidh,  a  bha  coma  ged  bhiodh  e  fein  air 
isleachadh  na'm  biodh  Criosd  air  ^rdachadh  ; 
coltach  ri  Tomas  a  bha  toileach  dol  maille  ris 
gu  bas,  agus  coltach  ri  Eoin  agus  Muire,  an 
dithis  a  fhuair  cho  dltith  dha,  mar  dhuais  an 
gaoU  air.  Tha  iad  ag  radh  gu  bheO  an  gaol 
dall,  ach  an  aite  sin  a  bhi  fior,  is  e  an  f hirinn 
gu  bheil  mile  stiU  aig  a'  ghaol.  B'e  na  cairdean 
a  bu  mhotha  gaol  air  losa  a  bu  mho  a  chunnaic 
d'a  ghloir.  Bha  Eoin  air  thoiseach  air  daoine 
eile  ann  an  diomhaireachd  na  diadhaidheachd 
a  thuigsinn,  a  chionn  gu  robh  e  air  thoiseach 
orra  ann  an  gradh.  Is  maith  an  gloin-amhairc 
an  gradh  gus  nithean  spioradaU  fhaicinn. 

Ged  nach  b'  aithne  do  Phol  losa  ann  an 
laithean  fheola  bha  e  'na  charaid  cho  dileas  's 
a  bha  riamh  aige.  Agus  air  an  laimh  eUe  dh' 
f  hiosraich  Pol  'n  a  anam  fein  cairdeas  losa  a 
cheart  cho  fior  's  a  b'  aithne  do  Pheadar  a 
chompanas  ann  an  Galile,  rud  a  tha  dearbh- 
adh  dhuinn  nach  robh  cothrom  no  sochair 
air  bith  aig  na  ceud  dheisciobuil  a  thaobh 
ciirdeas  an  t-Slanuigheir  nach  fhaod  a  bhi 
againne.  Faodaidh  Criosd  a  bhi  annainn, 
agus    sinne    annsan,    faodaidh    ceangal    cho 


CAIRDEAN  lOSA— DALTACHAM  A'  CHRUAIDH  FHORTAIN 


dltith  a  bhi  eadaruinn  agus  esan  's  gur 
h-urrainn  dhuinn  a  radh,  "  Tha  mi  air  mo 
cheusadh.  maille  ri  Criosd,  gidheadh  ata  mi 
beo ;  ach  cha  mhise,  ach  Criosd  a  ta  beo 
annam  ;  agus  a'  bheatha  ata  mi  nis  a' 
caitheamh  's  an  fheoU,  tha  mi  'g  a  caitheamh 
tre  chreideamh  Mhic  Dhe,  a  ghr^dhaich  mi 
agus  a  thug  e  fein  au-  mo  shon." 

Companas  losa. 

Is  sibhse  mo  chairdean-sa.  Nach  b'e  sin 
an  t-urram,  'ga  chuir  air  daoine  peacach ! 
Ach  is  e  smior  na  firinn  a  tha  ann,  radh  fior 
a  tha  airidh  air  gabhaU  ris,  oir  tha  e  air  a 
dhaingeachadh  le  facal  an  Tighearna,  agus 
cha  duine  Dia  gu'n  dean  e  breug.  Ciod  a' 
ghne  ghraidh  a  thug  an  t-Athair  dhuinne 


gu'n  goirteadh  cairdean  a  mhic  dhinn!  Bu 
neoni  truagh  mar  dhiol  do'n  ghr^dh  so,  ar 
n-anam  agus  ar  beatha  a  thabhairt  dha  mar 
bheo-iobairt. 

Tha  Fear  caomh  ann  thar  nan  uile  ; 

O,  meud  a  ghrMdh ! 
Thar  gradh  brath'r  tha  ghr^dh-san  duinne; 

0,  meud  a  ghraidh ! 
Faodaidh  each  fas  umainn  suarach, 
Tlath  an  diugh  's  am  m^ireach  gruamach; 
Annsan  gheibh  sinn  gaol  nach  fuaraich; 

0,  meud  a  ghraidh ! 

losa!  caraid  nan  naomh  agus  caraid  nam 
peacach — ni  a  chompanas  rathad  fada  goirid, 
agus  rathad  duilich  reidh,  agus  a  h-uile 
rathad  sona. 


Daltachan  a'  chruaidh  fhortain 


Leis  an    Urramach  Iain  Mac- 

BEAGAN  l^ithean  mu'n  do  dh'eigheadh  an 
cogadh,  deireadh  an  Fhoghair  so  chaidh, 
dh'fhag  na  miltean  de  chloinn  na  bailtean 
m6ra  mu  dheas  agus  rinn  iad  air  a'  Ghaidheal- 
tachd  oir  bha  fhios  aca  gu'm  biodh  iad 
te^ruinte  's  a'  cheann  sin  na'n  tigeadh  na 
soithichean-gaoithe  aig  Hitler  a  nail  luchd- 
aichte  le  sHgean-mUlidh  chum  ar  bailtean  a 
sgrios. 

'S  ann  air  d^  bhalaeh  bheaga  'n  am  measg 
sin  tha  mise  dol  a  sgriobhadh  ;  b'e  DomhnuU 
ainm  a'  cheud  fhu-  agus  Alasdair  ainm  an 
fhir  eile :  bha  iad  eadar  deich  is  dusan 
bliadhna  dh'  aois. 

Nuair  thMnig  iad  a  dh'  ionnsuidh  Manse 
Ceann  a'  Gharaidh  ghabh  am  ministear  's  a 
bhean  beachd  air  mar  bha  na  h-aodainn  aca 
cho  geal  ris  a'  chaUc,  mar  nach  faigheadh  iad 
gu  le6r  de'n  bhatnne  bhl^th  an  tus  an  oige. 

Bha  am  ministear  'na  dhuine  coir  truasail, 
agus  cha  robh  a  bhean  bonn  air  dheireadh  air. 
Thog  iad  fein  teaghlach,  d^  mhac  is  caileag, 
agus  mar  sin  bha  fhios  aca  ciamar  bu  choir 
dhaibh  gabhail  ri  daltachan  a'  chruaidh 
fhortain  a  bha  air  iir  thighinn  d'  an  ionnsuidh. 
Cha  mhor  gu  robh  tigh  's  an  sgir,  ma  bha 
dad  de  mheudachd  idir  ann,  nach  d'  fhuair 
clann  aig  an  am  ud. 

Saoghal  ur. 

Nuair  ghabh  iad  greim  de  bhiadh  math 
blath,  bho  'n  bha  latha  math  ann,  chaidh 
am  ministear  sraid  a  mach  mu'n  cuairt  leo. 
Cha  deach  an  da  bheul  comhla  fad  na  tide 
ach  a'  feoraich  cheisdean  dheth  mu'n  rud 
ud  agus  mu'n  rud  ud  eUe,  oir  bha  a  h-uile 
ni  mu'n  cuairt  cho  ur  dhaibh  agus  annas 
aca  de  gach  ni.  Dh'fhag  iad  am  baUe  mor 
le  thogaU  arda  's  le  shraidean  comhnard  as 


a-Phearsain,  an  Tigh-an-uillt. 

an  deidh  's  bha  iad  a  nis  air  an  dtithaich  far 
an  robh  cnuic  is  creagan,  easan  is  uUlt,  coin 
is  beathaichean,  is  cuileagan,  nach  faca  iad 
riamh  roimhe. 

Bha  am  ministear  a'  dol  'g  an  treorachadh 
gu  cnoc  ard  far  am  faigheadh  iad  sealladh 
fada  reidh  air  an  diithaich  mu'n  cuairt  orra, 
ach  chuimhnich  e  gu'n  d'  fhag  e  a'  phiob  's 
an  tombaca  air  an  dasc  aige.  Dh'iarr  e  orra 
deanamh  air  a'  chnoc  mhor  a  sheaU  e  dhaibh 
agus  fuireach  an  sin  gus  an  ruigeadh  esan  ; 
gu  robh  e  a'  dol  air  ais  do'n  Mhanse,  ach  nach 
biodh  e  ro  fhada. 

Bha  na  craobhan  aig  an  am  ud  de'n 
bhHadhna  'n  an  l^n  mhaise  's  na  meangain 
aca  a'  liibadh  le  truimead  an  duillich.  Bha 
craobhan  mora  aluinn  a'  fas  mu'n  Mhanse, 
agus  smuainich  DomhnuU,  an  giUe  bu  shine, 
gu'm  bu  ghasda  streap  suas  ann  an  dltiths 
nam  meangan  mar  bhiodh  e  a'  streap  ris 
na  staidhrichean  anns  na  clousachan  air 
Rathad  Phaishg. 

A'  chuileag  bhdidheach. 

Cha  do  dhirich  e  fada  nuair  chunnaic  e 
cuileag  mhor  bhdidheach,  crios  orbhuidh 
m'a  meadhon  agus  srann  aice  mar  gu'm 
biodh  seillean  ann.  Ghabh  e  beachd  oirre 
greis  bheag  agus  thug  e  an  aire  gu'n  deach 
i  a  steach  ann  an  cos  mor  crutnn  uibhir  ri 
ball  coise  a  bha  an  crochadh  ri  meangan 
direach  os  a  chionn.  "  Cha  chreid  mi  fein 
nach  e  ball  sioda  tha'n  so,  Alasdair,"  ars 
esan,  "  ach  chan  fhada  gu  uair  fhios,"  agus 
e  cur  a  stigh  a  l^imhe  ann.  Mu'n  canadh 
tu  "  bodach  teth  "  bha  na  miltean  de  na 
cuileagan  mora  'na  chraisg  is  iad  'g  a  lot 
gu  h-olc.  Bho  nach  robh  air  ach  briogais 
fharsuinn,  ghoirid,  chaidh  iad  suas  'na  broinn 


DALTACHAN  A'  CHRUAIDH  FHORTAIN 


is  lot  iad  e  gu  ruige  na  masan.  Thuit  e  'na 
ghlag  air  an  lar  ach  a  dh'aindeoin  sin  cha 
d'fhag  na  cuileagan  e,  is  fhuair  am  fear  a 
bha  gu  h-iosal  a  lot  cuideachd,  ged  bha  e 
neochiontach. 

Rinn  iad  air  a'  Mhanse  le  cheile,  agus 
ran-bhais  'n  am  beul.  Choinnich  am  minis- 
tear  iad  's  an  dorus  a  muigh,  is  cha  robh 
fhios  aige  air  an  t-saoghal  de  bha  cearr,  ach 
nuair  fhuair  iad  an  anail  is  cothrom  bruidhinn 
thuig  e  gur  iad  na  speachan  a  bha  'g  an 
oileanachadh.  Chun  e  fein  agus  a  bhean 
bhinicir  air  na  lotan  aca  is  thug  e  rabhadh 
teann  dhaibh  gun  ghnothuch  a  bhi  aca  ri  ni 
no  neach  air  nach  robh  iad  mion-eolach,  ge 
b'e  cho  boidheach  's  'g  am  biodh  e.  Ma  bha 
iad  ban  a'  dol  a  mach  bha  iad  dearg  gu  leor 
a'  tighinn  a  steach. 


An  ath  Di-domhnaich  dh'innis  am  minis- 
tear  an  sgeul  a  dh'innis  mise  mar  tha,  agus 
thuirt  e  "  tha  mi  cirmteach  gu  bheil  cuid 
agaibh  an  so  an  diugh  a  their  gun  mhoran 
smuaineachadh  nach  d'  'fhuair  na  giUean 
ni  ach  na  thoiU  iad,  ach  bu  mhiann  leam 
gu'n  sealladh  sibh  air  a'  chilis  ann  an  doigh 
eile.  'S  e  b'  aobhar  gu'n  do  dh'eirich  cho 
olc  do  na  gillean  gu  robh  iad  air  an  aineol, 
agus  a  h-uUe  ni  cho  ilr  dhaibh,  agus  cha  do 
smuainich  iad  riamh  gu  robh  gath  ann  an 
creutairean  a  bha  cho  boidheach  ris  na 
speachan.  Shaoil  iad  gur  e  cuileagan  a 
bha  aca  a  bha  a'  comhnuidh  ann  am  p^ihiun 
sioda. 

Nach  ann  mar  sin  a  tha  am  peacadh  a' 
faotainn  greim  air  iomadh  duine  ;  tha  e  gle 
thric  cho  breagha  air  an  taobh  a  mach  is 
tha  an  duine  dol  'na  dh^U  gun  mhoran 
smuaineachaidh,  agus  mu  bheU  e  tighinn 
chuige  fein  tha  a  chall  deanta,  is  faodaidh 
e  bhith  gu'm  fag  e  larach  air  gu  latha  a 
bhais. 

An  riocM  aingil. 

Na'n  tigeadh  an  Donas  a  dh'ionnsuidh 
dliaoine  le  adhaircean  air,  agus  a'  beucail 
gu  h-oillteil,  theicheadh  iad  luath  gu  leor 
as  an  rathad  air,  ach  chan  ann  mar 
sin  a  tha  ;  thig  e  cho  breagha  is  cho  ciuin  ; 
bidh  a  chainnt  cho  mihs  ;  cha  ghabh  eadhon 
an  leanabh  beag  eagal  roimhe.  Nach  'eU 
e  air  innse  dhuinn  anns  an  Fhirinn  gu'n 
cuir  se  e  fein  ann  an  riochd  aingil  soLUse. 

Nach  trie  a  tha  daoine  air  am  mealladh  le 
nithean  tha  boidheach  gealltanach  air  an 
taobh  a  mach.  Bho  chionn  ghoirid  bha 
tuathanach  aig  margadh  ann  am  baile-mor. 
Reic  e  chuid  bheathaichean  's  bha  e  deas 


gu  falbh  dhachaidh  nuair  thachair  air  duine 
bruidhneach  gasda  air  dheagh  chur  uime, 
's  dh'fheoraich  e  dheth  an  robh  margadh 
math  ann.  Thuirt  an  tuathanach  gu'm 
faodadh  e  bhith  moran  na  b'fhearr,  nach 
robh  tuathanaich  ach  air  an  droch  ghiollachd; 
gu  robh  iad  a'  briseadh  an  cridhe  is  gle 
bheag  aca  air  a  shon. 

Thuirt  am  fear  gasda  gu  robh  e  fein  gle 
dhuihch  air  a  shon  ach  na'n  gabhadh  e  a 
chomhairle-san  gu'm  faigheadh  e  airgiod  gu 
leor  gun  obair  idir  's  gu'm  biodh  e  a'  siubhal 
feadh  na  diithcha  ann  an  car  'n  a  dhuin- 
uasal.  Chuir  e  an  ire  do'n  tuathanach  gu 
robh  e  suas  ri  luchd-reisidh  agus  gu  robh 
fhios  roimh  laimh  aige  c6  na  h-eich  bu 
luaithe,  agus  mar  sin  gu  robh  a  soirbheachadh 
leis  gu  math,  's  gu'n  leigeadh  e  fhaicinn 
dhasan  mar  bha  an  gnothuch  ag  oibreachadh 
na'n  tugadh  e  dha  not.  Rinn  an  tuathanach 
mar  dh'iarradh  air  's  dh'fhalbh  am  fear  eile 
leatha,  's  bha  e  air  ais  an  ceann  da  uair  an 
uaireadair  is  shin  e  sia  notaichean  dha  an 
aite  na  h-aoin  te. 

Chuir  sin  fonn  math  air  an  tuathanach,  oir 
bha  e  an  diiil  gu  robh  aran  fuinte  's  nach 
ouireadh  an  saoghal  ciiram  tuiUe  air.  Thug 
e  ceud  not  an  ath  uair  do'n  fhear  nach  b' 
aithne  dha  's  dh'  aontaich  iad  coinneachadh 
an  aite  araidh  ann  an  ceann  da  uair  a  thide. 
Rinn  an  tuathanach  so,  ach  ged  dh'fheitheadh 
e  fathast  cha  tigeadh  am  fear  eile.  Bha  an 
duine  truagh  air  a  mhealladh.  A  chionn  gu 
robh  an  duine  bruidhneach  's  air  dheagh 
chur  uime  cha  do  shaoil  e  gur  e  cealgair  a 
bha  ann. 

Feum  air  fear-iuil. 

Nuaii  tha  duine  dol  an  d^il  ni  tha  tir  dha 
tha  e  ±3umail  dha  seoladh  fhaotainn  bho 
neach  a  tha  eolach  chum  gu'm  bi  fhios  aige 
ciod  is  coir  dha  a  dheanamh.  Ciod  am  feum 
a  bhiodh  ann  an  sgiobair  bata  mur  b'  aithne 
dha  ciirsa  ceart  a  leagail  ? 

Aig  an  am  so  dluth  air  na  cladaichean 
againn  fein  tha  aitean  araidh  ann  far  am 
bheU  na  miltean  de  mheinean  ah  an  cur  air 
son  dragh  is  call  a  chur  air  an  namhaid. 
Nuair  thig  sgiobair  a  tha  aineolach  air  na 
dearbh  aitean  sin  an  rathad  feumaidh  e 
fear-iiiil  a  thoirt  air  bord  a  bheir  am  b^ta 
gu  cala  reidh  ;  mur  dean  e  sin  tha  e  a' 
gabhaU  a  bheatha  fein  is  beatha  na  bheil  an 
bord  aige  'na  laimh. 

Tha  fear-iuil  againne  air  slighe  na  beatha  ; 
ma  leanas  sinn  e  cha  tuisUch  sinn  agus  cha 
dean  Satan  ar  lot.  Bha  e  fein  air  a  bhuair- 
eadh,  ach  cha  do  gheiU  e.  Ann  an  latha  a' 
bhuairidh  mata  bidh  tu  tearuinte  ma  dh' 
earbas  tu  thu  fein  ris. 


Mineachadh  air  Philip.  11^,  6-8 

Le  Calum  MacGilleathain,  M.A. 

"  Neach  air  bhi  dha  ann  an  cruth  DM,  nach  do  mheas  e  'n  a  reubainn  efdin  a  bhi  comh- 
ionann  ri  Dia  :  ach  cliuir  se  e  fdin  ann  an  dimeas,  a'  gabhail  air  fdin  cruth  seirbhisich, 
air  a  dheanamh  ann  an  coslas  dhaoine  :  agus  air  dha  bhi  air  fhaghail  ann  an  cruth 
mar  dhuine,  dh'  irioslaich  se  e  fdin,  agus  bha  e  umhail  gu  bas,  eadhon  bhs 
a'    chroinn-cheusaidh." 


ANNS  a'  chuibhrionn  so  de  'n  fhirinn  tha 
aon  de  fhocail  mhora  na  firinne  againn,  agus 
tha  am  focal  mor  so  a'  leum  a  mach  o  chridhe 
duine  a  tha  a'  sparradh  ceuman  dleasdanais 
air  daoine  eile.  Agus  sin  mar  a  tha  focail 
mhora  na  Beatha  aig  Pol  gu  minic.  Is  ann 
du-each  mar  sin,  agus  e  a'  sparradh  dleasdanais 
na  fialaidheachd  agus  an  tabhartais,  a 
sgriobh  e  an  aite  eile,  "  Is  aithne  dhuibh 
gras  an  Tighearna  losa  Criosd,  ged  a  bha  e 
saoibhir  gidheadh  gu'n  d'  rinneadh  bochd  e 
air  'ur  son-se,  chum  gu'm  biodh  sibhse 
saoibhir  tre  a  bhochdainn-san."  Is  ann  mar 
sin  a  tha  e  a'  cur  eisimpleir  Chriosd  air 
beulaibh  nan  Philipianach,  agus  a'  feuchainn 
daibh  ciod  a  bha  fior  a  thaobh  an  Tighearna. 
"  Uime  sin  biodh  an  inntinn  cheudna 
annaibh-se  a  bha  ann  an  losa  Criosd,  neach 
air  bhith  dha  an  cruth  Dhe — ."  Agus  is  iad 
na  dleasdanais  araidhe  a  bha  e  a'  sparradh 
orra-san,na  PhLhpianaich,aonachd  ghradhach, 
bhraithreil,  agus  irioslachd  inntinne  a  chuireas 
eadar  duine  agus  fheinealachd  fein ;  "  Na 
deanar  aon  ni  tre  chonnspoid,  no  tre  ghloir 
dhiomhain,  ach  ann  an  irioslachd  inntinne 
measadh  gach  aon  gur  fearr  neach  eile  na  e 
fein  :  na  seaUaibh  gach  aon  air  na  nithean 
sin  a  bhuineas  da  fein,  ach  gach  aon  air  na 
nithean  a  bhuineas  do  dhaoine  eile  mar  an 
ceudna.  Uime  sin  biodh  an  inntinn  cheudna 
annaibhse  a  bha  ann  an  losa  Criosd. 

Teagasg  Chriosd. 

So  teagasg  Spiorad  an  Tighearna,  agus  an 
dearbh  theagasg  a  bha  aige  fein  an  l^ithibh 
na  feola.  Ma  bhios  sibh  feineil  agus  ma  bhios 
sibh  gu  maith  do  bhur  cuid  fein,  ciod  am 
barrachd  a  tha  agaibh  ?  Nach  e  sin  fior 
nadur  agus  fior  chleas  an  t-saoghail  ?  Ach 
gr^dhaichibh-se  bhur  naimhdean  agus  dean- 
aibh  maith  dhaibh-san  a  tha  'g  'ur  cradh. 
Sin  am  barrachd  a  chruth-atharraicheas  an 
saoghal ;  agus  sin  am  barrachd  a  thaisbeanas 
agus  a  dhearbhas  gur  sibh  mic  Dhe  ;  oir  is  e 
nadur  Dhe  bhi  maith  do  na  h-uile  ;  tha  grian 
Dhe  a'  dealradh  air  a'  mhaith  agus  air  an 
olc,  agus  tha  frasan  Dhe  a'  tuitean  araon  air 
fearann  an  duine  cheairt  agus  air  fearann  an 
duine  mhi-cheairt. 

Tha  facal  aca  's  a'  Bheurla,  gu  bheil  an 
Diabhol  maith  d'a  chuid  fhein,  agus  chan 
'eil  fhios  agam  de  am  maitheas  a  tha  'n  a 


mhaitheas  ;  ach  is  e  tha  fior  mu  Dhia  gu 
bheil  e  maith  do  na  h-uile !  Agus  sin,  a  nis, 
ceum  agus  dleasdanas  a'  Chriosduidh,  agus 
Criosdalachd  gu  h-iomlan.  Agus  a  reir  an 
abstoil  sin  mar  a  bha  Criosd  e  fein.  Sin 
inntinn  Chriosd.  Bha  Criosd  gu  maith  do 
ludas  ;  agus  ni  a  b'iongantaiche  le  Pol  na 
sin  bha  e  gu  maith  do  Phol,  "  Ghradhaich  e 
mise  agus  thug  se  e  fein  air  mo  shon."  Sin 
barrachd  Dhe  anns  an  duine  losa  ;  agus  sin 
Dia  ann  an  losa  Criosd. 

I.  "An  cruth  Dhe."  Bha  na  h-aobhair 
aig  Criosd  a  bhi  mor.  Co  dha  a  bhuineadh 
gloir  agus  urram  agus  morachd  cosmhuil  ris  1 
Anns  a'  cheud  seaUadh  a  bha  aig  Pol  air 
Criosd  an  so  tha  e  aige  agus  crim  Dhe  air. 
Arsa  Eoin,  "  Anns  an  toiseach  bha  am  Focal, 
agus  bha  am  Focal  maiUe  ri  Dia,  agus  b'e 
am  Focal  Dia."  Tha  am  facal  so  cruth  e 
fein  Ian  brigh  an  so.  Is  e  ni  buan  a  tha  's  a' 
chruth  so,  chan  e  ni  ur  ach  ni  bha  ann  o 
chian.  Bith  bhuan  a  tha  's  a'  chruth  so. 
An  cruth  Dhe,  sin  Dia  'n  a  bhith-bhuantachd. 
Agus  sin,  a  ris,  beachd  an  Tighearna  air 
fhein,  "mu'n  robh  Maois  idir  ann  tha  mise." 
Agus  foghnaidh  duinne  so,  bha  an  Tighearna 
ag  iarraidh  air  son  a  dheisciobuil  fein  gu'm 
faiceadh  iad  a'  ghloir,  a'  ghloir  a  bha  aige 
maille  ri  Dia  mu'n  do  leagadh  bunaitean  an 
domhainn.  Bha  Criosd  Mor,  agus  chan  e 
sin  uile  e,  ach  tha  e  mor  an  cdmhnuidh  ;  chan 
'eil  leagadh  no  beagadh  air  mdrachd  an  Ti 
Naoimh.  Tha  e  mar  sin  a  ghnath  ann  fein 
agus  dheth  fein.  Ach,  arsa  Pol,  "  cha  do 
mheas  e  'n  a  reubainn  e  fein  a  bhi  comh- 
ionann  ri  Dia." 

Agus  so  mineachadh  air  na  briathran  sin. 
Cha  do  ghreimich  e  ris  a'  chUii  sin  mar  a 
ghreimicheas  an  gaduiche  no  an  creachadarr 
ris  a'  chreich.  Is  e  cleachdadh  a'  ghaduiche, 
agus  cleachdadh  a  h-uile  duine  saoghalta  eile 
cho  maith  ris,  gu'm  bidh  na  h-innean  cruaidh 
an  sas  'n  a  chuid.  Chan  ann  gun  fhios  cia 
mar  a  bheirear  as  a  lamhan  e.  Cha  dealaich 
e  ris.  Cha  dealaich  e  idir  idir  ris.  Ach  cha 
b'e  sin  do  Chriosd.  Dhealaich  esan  ris  an 
airde  a  bhuineadh  dha  fein.  Arsa  an  t-abstol, 
an  aite  eile,  dh'fhalamhaich  se  e  fhein. 
Dh'fhag  se  e  fein  lom.  Arsa  an  t-abstol, 
"  rinneadh  bochd  e."  Rinn  se  e  fein  bochd. 
"  Rinneadh  am  Focal  na  fheoil." 


MINEACHADH   AIR   PHILIP 


II.  "  An  coslas  dhaoine."  Tha  am  facal  so 
coslas  a'  comh-fhreagairt  do'n  fhacal  cruth 
mar  a  ta  am  facal  Dia  a'  comh-fhreagairt 
do'n  fhacal  daoine.  Agus  direach  mar  a 
tha  Dia  kvd  os  ciomi  dhaoine  tha  cruth  ard 
OS  cionn  coslas.  Chan  'eil  ann  an  coslas  ach 
ni  neo-bhuan  ;  ni  diomain  ;  ni  tha  ann  air 
son  seal.  Sin  cUti  beatha  an  duine  air  an 
talamh.  Ciod  e  bhur  beatha  ?  Ceo  nam 
beann !  Feur  na  machrach  ;  deatach !  Ciod 
e  an  saoghal  fein  ?  Coslas,  tha  an  fhirinn 
ag  r^dh,  ni  do  nach  'eil  siorruidheachd  air  a 
gealltainn.  An  eoimeas  ri  beatha  duine  tha 
an  saoghal  fada  gun  teagamh.  "  Tha  kl  a' 
dol  agus  kl  a'  tighinn  ;  ach  mairidh  an  talamh 
gu  br^th."  Cha  mhair  gu  siorruidh.  Chan 
'eil  's  na  briathran  sin  ach  eoimeas  eadar 
dh^  choslas. 

Ach  a'  bruidheann  air  coslas  so  an  t- 
saoghail  a  tha  dol  as  an  t-seaUadh  is  e  tha 
luchd-mineachaidh  an  cuid  a'  toirt  as  gur  e 
coslas  an  t-saoghail  an  saoghal  a  tha  aig 
daoine  dheth  air  an  talamh  agus  nach  e  an 
talamh  e  fein,  no  an  cruinne  e  fein  ;  agus  tha 
feum  againn  air  a  bhi  cumail  eadar-dhealach- 
adh  a  tha  eadar  na  nithean  sin  'n  ar  cuimhne. 

Ach  is  e  tha  aig  an  abstol  gu  cruinn 
cothrom  an  so  daonnachd  Chriosd.  0  bhi 
anns  na  h-^rdaibh  maille  ri  Dia  agus  compairt 
aige  de  nadur  agus  de  bhith-bhuantachd  na 
diadhachd  thainig  a  cho  iosal  ris  an  talamh 
agus  b'  esan,  a  nis,  losa  o  Nasaret.  Ach 
cuimhnich  cha  do  rinn  sin  beag  e  ann  fein ; 
ged  tha  an  coslas  beag  agus  a  shaoghal  a 
nis  beag.  Chan  ionghnadh  ged  chuireadh 
sin  ionghnadh  air  Padruig  Grannd. 

"  An  ti  bha  ann  o  shiorruidheachd 
A'  fas  na  chiochran  truagh." 

Bu  cheum  na  h-irioslachd  e.  Thuirt  an 
ceannard-ceud,  "  chan  airidh  mise  air  gu'n 
tigeadh  tu  dha  mo  thigh."  Bu  mhodh  dha 
a  radh  ;  ach  cha  d'  thuirt  e  riamh  na  b' 
fhirinniche.  Cha  b'  airidh  an  saoghal  air, 
agus  cha  b'airidh  an  cinne-daonna  air.  Ach 
sin  far  a  bheil  gras  an  Tighearna,  maitheas 
an  Tighearna  ;  agus  sin  an  inntinn  a  bha  ann 
an  Criosd. 

III.  "  Cruth  Seirbhisich."  Tha  sinn  a  nis 
air  ais,  a  ris,  aig  an  fhacal  cruth.  Car  son  a 
tha  am  facal  so  air  a  chleachdadh  comh- 
cheangailte  ri  seirbhiseach  ?  Agus  an  seorsa 
seirbhisich,  duine  a  bha  air  a  thoirt  suas  gu 
h-iomlan  do  sheirbhis,  agus  e  air  a  ghlacadh 
beo  aice.  Theagamh  gu'n  robh  d^  ni  a' 
letmi  cuideachd  aig  an  abstol ;  agus,  a  ris, 
is  docha  leam  gu  bheil  comh-fhreagradh 
seaghannan  eadar  coslas  agus  cruth,  agus 
eadar  daoine  agus  seirbhiseach.     Tha  fhios 


againn  gu  bheil  an  t-abstol  Pol  gu  minic 
cho  Ian  agus  cho  lionta  leis  an  fhirinn  a  tha 
aige  agus  nach  ruig  a  chainnt  oirre  gu  ro- 
fharsuinn.  Is  e  sin  ri  radh,  tha  barrachd 
mor  air  ctil  gach  facail  de  bhrigh  air  na  tha 
am  facal  comasach  air  a  chur  an  ceiU  dheth 
fein.  Agus  saoilidh  mi  gu  bheil  da  ni  air 
aire  an  abstoil,  agus  an  da  fhacal  so  aige, 
da  ni  mhor  chudthromach.  Air  tus  tha  fior 
dhaonnachd  Chriosd  'g  a  dhaingneachadh 
aige.  Leis  an  fhirinn  so  fhagail  crochte  ri 
coslas  nach  biodh  e  cunnartach  gu'n  canadh 
daoine  eUe  gu'n  d'  thuirt  Pol  nach  bu  duine 
(no  fior  dhuine)  Criosd,  nach  robh  ann  ach 
coslas  duine  ?  Agus  tha  an  t-abstol  'g  a 
chur  thar  gach  teagamh,  agus  tha  cruth  aige 
air  a  chul  a'  nochdadh  dhuinn  gu'n  robh  fior 
n^dur  na  daonnachd  aig  an  Tighearna. 
"  An  duine  losa  Criosd."  Chan  e  ni  nach 
robh  riamh  roimhe  ann  a  ghlao  se  chuige 
fein  ach  cruth  mar  dhuine.  Agus  tha  sin  a' 
cur  an  urraim  air  fhein  an  ceum  na  h- 
irioslachd  :  cha  b'  e  coltas  an  ni  a  bha  ann 
ach  ni  a  cheart  da  riribh,  seadh  duine,  agus 
fior  dhuine  leis  an  fhior  dhaonnachd  choit- 
chionn  (ach  as  eugmhais  peacaidh).  Agus  's 
e  an  dara  ni  nach  e  mhain  gu'n  robh  Dia 
mar  sin  'n  a  dhuine  ach  gu'n  do  thogair  e 
bhith  'n  a  dhuine  de  'n  t-sedrsa  is  lugha  air  a 
bheil  urram  air  an  talamh. 

C  aite  a  nis  a  bheU  t'  uaill,  a  Mhic  an 
PhUipianaich  ?  A  chuis  smaoinich !  Na  'm 
bu  righ  bu  rud-eigin  ;  na  'm  b'  uachdaran 
bu  rud-eigin  ;  ach  seirbhiseach  de  'n  t-seorsa 
a  bha  cho  bochd  agus  nach  robh  c5ir  aca 
air  sion ! 

Tha  inbhean  am  measg  dhaoine.  Tha  e  's 
an  duine,  gu  nMurra,  bhi  dol  thar  a  nabuidh. 
Feuch,  an  diugh,  an  cogadh  ;  agus  feuch,  an 
diugh,  na  carrachan- cuimhne  's  a'  chladh! 
"Is  e  bhith  dhiubh,"  arsa  Aonghas  nam 
Beann  ;  ach  is  e  bhith  mor,  arsa  a  h-uUe 
Aonghas !  Is  iomadh  smuain  a  tha  againn 
an  so  agus  a  bhitheas.  Tha  so  ann,  chuir  an 
seirbhiseach  so  ni  'n  ar  tuigse  nach  'eil  e 
furasda  do  'n  t-saoghal  le  a  mheud-mhoir  a 
thoirt  aisde  ;  nach  e  dreuchd,  no  crannchur, 
no  suidheachadh,  duine ;  agus  nach  ionann  iad 
is  gradh,  coibhneas,  maitheas,  macantas, 
irioslachd,  uaisle ;  nach  ionann  iad  agus 
inntinn  an  Tighearna.  Is  ann  's  an  inntinn 
a  tha  an  duine,  agus  's  a'  chridhe.  Biodh 
an  seirbhiseach  os  cionn  nan  uile!  Is  e  am 
fear  is  mo  a  ni  de  mhaith  am  fear  is  fe^rr  ; 
agus  is  e  an  seirbhiseach  mor  am  fitighalach. 
Bha  an  Tighearn  iriosal  agus  bha  e  umhail. 
"  Dh'irioslaich  se  e  fein,  agus  bha  e  umhail 
gu  bas,  eadhon  bas  a'  chroinn-cheusaidh. 
"  Uitne  sin  biodh  an  inntinn  cheudna 
annaibhse." 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Eachann  Camshion. 

BHA  moran  dhaoine  air  feadh  na  G^idhealt- 
achd  uile,  agus  gu  sonraichte  an  siorramachd 
Earra-Gh^idheal,  duilich  a  chluinntinn  gu'n 
do  shiubhail  Eachann  Camshron,  ministear 
na  Moighe,  air  a'  mhios  a  chaidh  seachad. 
Ged  nach  robh  e  gu  maith  o  chionn  bliadhna 
cha  do  chaill  e  fhein  no  daoine  eile  dochas 
gu  'n  rachadh  e  na  b'  fhearr,  ach  an  4ite 
feabhais  thainig  naidheachd  a  bhMs.  Bha 
e  tri  fichead  bliadhna  dh'  aois. 

Rugadh  e  ann  an  Tiriodh  an  1880  ;  bha  e 
air  oileanachadh  an  Oilthigh  Glaschu ; 
bhadhna  'n  a  fhear-cuideachaidh  an  eaglais- 
Chaluim  Cille,  an  Glaschu ;  air  a  shuidheach- 
adh  an  Cumlodden,  an  Cleir  lonar  Aora,  an 
1907.  A  Cumlodden  chaidh  e  do  ChiU 
Mh^rtainn  an  1912  ;  a  Cill  Mhartainn  chaidh 
e  do'n  Oban,  agus  as  an  Oban  do  sgir  na 
Moighe,  an  Cleir  lonar  Nis. 

Ach  b'e  an  t-Oban  an  t-aite  air  am  b' 
fhearr  a  bha  e  a'  freagairt  agus  a  b'  fhearr  a 
bha  a'  freagairt  air,  oir  a  mach  o  Chornaig 
far  an  do  thogadh  e,  cha  robh  aite  eile  (mur 
robh  Glaschu)  anns  am  faigheadh  e  uiread 
chompanach  aig  an  robh  tiidh  anns  na 
nithean  anns  an  robh  inntinn  agus  a  chridhe 
fein,  Gaidhlig  agus  bardachd  agus  comunn 
dhaoine  seanchasach.  Bu  toigh  leis  cuid- 
eachd  ;  bha  cur-a-mach  ann  fhein  ann  an 
cuideachd,  agus  cha  do  thachair  duine  riamh 
orm  aig  an  robh  uiread  naidheachdan 
abhacach  mu  fhacail  neonach  a  chual  e,  agus 
mu  dhaoine  neonach  a  b'  aithne  dha.  Bha 
cuimhne  mhaith  aige,  agus  gean-maith  d'a 
cho-chreutairean,  is  cha  robh  cron,  no  go, 
no  mi-rtm,  'n  a  sheanchas  no  'n  a  nadur. 

Bha  e  gaolach  air  obair  nam  hkrd ; 
chruinnich  e  obair  nam  b^rd  Thiristeach  ann 
an  leabhar  mor  tiugh  o  chionn  bhliadhnachan, 
ach  tharruing  e  a  steach  d'a  lion  droch  eisg 
nach  b'  fhiach  an  cur  ann  an  soitheach,  agus 
a  b'  fhearr  dha  fhagail  anns  a'  chladach  aig 
na  faoileannan.  Tha  barrachd  a  dh'  anail 
na  bardachd  anns  na  dain  a  rinn  e  fhein  na 
tha  ann  am  moran  de  'n  ranntaireachd  a 
chruinnich  e  cho  ctiramach.  Ach  cha  robh 
duine  eile  a  bhuineadh  do'n  eUean  a  b' 
urrainn  an  cruinneachadh  ud  a  dheanamh 
cho  maith  ris. 

Chuir  e  fhein  agus  Eachann  Dtighallach  a 
mach  leabhar  beag  mu  Cholla  agus  mu 
Thiriodh,  leabhar  a  bhios  luchd-turuis  do  na 
h-eileanan  sin  taingeU  air  a  shon. 


Bha  Eachann  Camshron  'n  a  dhuine 
laghach  sitheil ;  ged  nach  robh  a  bhodhaig 
riamh  l^idir  chuir  e  seachad  na  bhadhnachan 
a  b'  fhearr  d'a  bheatha  ann  an  eaglais  anns 
an  robh  obair  anabarrach  trom,  seann  eaglais 
an  Obain,  ach  ged  a  bha  gu  leoir  aige  ri 
dheanamh  'n  a  choimhthional  fhein  cha 
b'  ann  doicheaUach  a  bhitheadh  e  an  uair  a 
ruigeadh  daoine  nach  buineadh  dha  agus 
nach  b'  aithne  dha  a  dhorus  a  dh'  iarraidh 
air  sud  no  so  a  dheanamh  air  an  son ; 
baisteadh,  no  posadh,  no  tiodhlacadh. 

Dh'  fh^g  e  bantrach  agus  coignear  de 
theaghlach  ;  ceithir  mic  agus  nighean. 

An  dealbh  ionraic 

{Tha  na  rannan  so  air  an  cur  anns  an 
aireamh  so  mar  chuimhneachan  air  an  fhear  a 
rinn  iad  mu  eilean  a  ghraidh,  an  t-  Urramach 
Eachann  Camshron  nach  maireann.) 

An  teampuU  diomhair  balbh  mo  smuain 
Tha  dealbh  os  cionn  na  h-altrach 
Ri  'n  tog  mo  chridh'  an  urnuigh  bhuan 
Gach  uair  bhios  mi  an  gainntear 
'N  a  dhaithean  aigh  tha  muir  is  traigh 
An  ailleachd  thlachdmhor,  ghreannmhor  ; 
Tha  coin  air  sgeith  ;  's  a'  mhachair  spreidh, 
'S  an  hi  a'  leum  le  annsachd. 

Gach  uair  do'n  t-saogh'l  bheir  mi  mo  chid 
Gu  dol  do  chtiirt  na  pailliun, 
O'n  altair  seaUaidh  mi  a  suas 
Gu  dealbh  mo  luaidh  as  airde  ; 
Mo  chridhe  trom  gu'n  dtiisg  gu  fonn, 
Gach  feart  am  chom  ni  gaire — 
Measg  ch^irdean  's  chompanach  as  txr, 
'S  iad  fitighail,  miiirneach,  f^ilteil. 

Tu"  mo  ghaoil  a  ris  fo  m'  bhonn, 
Gach  muir  is  fonn  cho  oirdhearc, 
Air  bheagan  ctiraim  'ruith  mo  churs' 
An  neart  's  an  sunnd  na  h-6ige  ; 
Ach  dtiisgidh  mi  a  neul  na  sith, 
'S  mi  fad  o  m'  thir  is  m'  eolais, 
Gu  iomairt  spairn  an  t-saoghail  gun  bhaigh 
Le  charraid  bhasmhor,  leonaidh. 

Ach  mar  phlathaidhean  de'n  ghrein 
An  dtidlachd  bhreun  a'  gheamhraidh, 
A'  cur  an  cuimhn'  na  bheil  's  a  chre 
Nan  laithean  eibhinn  samhraidh  ; 
Mar  sin  thig  dochas  dhomh  as  ur, 
Ge  diiinte  bhios  mo  theanntachd  ; 
Thig  misneach,  treuntachd,  agus  muirn, 
Nuair  thig  gu  m'  chuimhn'  na  b'  anns' 
learn. 


CUMHA  AIR  AILEAN  MACLEOID-^ACHAN  AN  DEORAIDH 


Cumha  air  Ailean  MacLebid^  am  Bearnaraidh 

na  Hearadh 


Le  Eachann 

Gu  bheil  Bearnaraidh  gu  ttirsach 
'S  e  ri  ionndrainn  MhicLeoid, 
An  fhianuis  laidir  bha  clitiiteach 
'S  ann  'n  a  ghiWan  's  na  dhoigh, 
'S  tha  na  c^irdean  bha  dluth  dha 
'S  trie  an  stiilean  fo  dheoir, 
Bho  nach  cluinn  iad  a  bhriathran 
Anns  an  fhion-hos  ni's  mo. 

Fhuair  thu  aiseag  bha  siothchail 
Dh'ionnsuidh  Fion-Hos  a  b'  ^ird' 
Do'n  a'  chomunn  tha  siorruidh 
Far  'n  do  mhiannaich  thu  tamh, 
Leis  an  trusgan  glan  oirdhearc 
Ni  do  chomhdach  gu  lar, 
Culaidh  rioghail  na  gloire 
Chunnaic  Eoin  i  air  each. 

Tha  sinn  bronach  'g  ad  ionndrainn 
'Caoidh  nan  tirnuighean  blath, 
A  bha  taitneach  is  drtiidhteach 
'Cur  do  chtiisean  'n  a  lath'r, 
Fhuair  thu  gibhtean  bha  sonraicht 
'Cur  an  ordugh  do  dhain 
Rinn  do  bhriathran  eho  maiseach 
Air  an  saUleadh  le  gras. 

Thu  mar  gheug  anns  an  fhionain 
A  bha  ciatach  fo  bhlath, 
'Gillian  toradh  gach  bUadhna 
Cha  b'  e  erionadh  aeh  fas, 
Cha  do  chaill  thu  na  fhuair  thu 
Rinn  thu  luaidh  air  'n  ad'  la, 
Leis  an  talant  bha  luaehmhor 
'S  ann  a  bhuanaieh  thu  dh^. 


MacFMoTtghuin,  hhrd  an  eilein. 

Tha  thu  nis  anns  an  Aros 
Leis  na  brMthrean  chaidh  bhuainn, 
Anns  an  daehaidh  tha  glormhor 
Aite  comhnuidh  a  shluaigh, 
Cha  d'tig  sgleo  air  do  leirsinn 
'S  cha  d'tig  deur  air  do  ghruaidh, 
'S  chaidh  do  chlarsach  a  ghleusadh 
'Seinn  laoidh  eibhinn  an  Uain. 

Chan  e  saoghal  thug  duals  dhuit 
'N  a  do  thuarasdal  ard, 
Aeh  an  Ti  anns  do  ghluais  thu 
'S  a  ghabh  truas  dhiot  is  baigh. 
Chum  E  suas  thu  an  comhnaidh 
Le  do  lochran  bha  Ian 
Gus  an  deaeh  thu  thar  lordan 
Steach  do  sholas  a  ghraidh. 

Gu  bheil  Bearnaraidh  'g  ad  ionndrainn 
Tigh  na  h-tirnuigh  's  an  sluagh, 
Chaill  i  rionnag  bha  muirneach 
Ghabh  a  cursa  nis  uainn, 

Bho  nach  faic  sinn  an  t'  aodann 
Air  an  taobh  so  de'n  uaigh 
Bha  le  maise  na  naomhachd 

'Nuair  a  b'  aosmhor  do  shnuadh. 

Gu  'm  bi  iomradh  is  cuimhne 
Air  an  fhirean  gu  brath, 
Bithidh  an  cliu-san  ri  innse 
Do  gach  linn  agus  al. 
Bithidh  an  teisteas  mar  dhileab 
Air  a  sgriobhadh  air  clar, 
'S  gu  robh  Ailean  MacLeoid  dhiubh 
Air  'n  do  thoisich  mo  dhan. 


Achan  an  Deoraidh 

Leis  an  Urramach  Goinneach  MacLeoid,  D.D. 


Tha  each  a'  triall  d'  an  aros  fein 
Mar  dh'  iarras  eun  d'  a  chos  ; 
Am  fardaichean  'nan  saoghal-cein. 
Gun  bhlath  'na  ghrein  do  'n  Deor, 
Gun  toman  fraoich  an  sin  e  thaobh. 
Gun  bhraon  a  ni  e  61 — 

An  ceol  tha  togail  inntinn  chaich 

A'  giiilan  da-san  broin. 


Co  dh'  ionnsuidh  thig  mi  's  mi  fo  leon 

Aeh  dh'  ionnsuidh  Teo-Mhic  Dhe  ? 

Bha  Thus'  ad  dheoraidh  iomadh  bhadhn' 

Ag  iargain  fior-uisg  Neimh  ; 

Ad  ghairdean  sheunadh  mi  'na  m'  oig. 

Is  fhuair  mi  coir  do  threud — 

'S  ge  trie  bha  grainealachd  am  Ion, 
Tha  bias  do  phoig'  am  bheul. 


Ctim  teagasg  m'  oige  ghnath  fo  m'  shilil. 

Mar  shruthan-iuil  's  a'  cheo, 

Is  iirnuighean  mo  shluaigh  am  cheum, 

A  reir  gach  feum  a  chro  ; 

Biodh  gair  do  chuain  a  chaoidh  am  chluais, 

'G  am  nuallan  thun  do  Ghloir — 

Is  long  nam  miann  'g  am  fheitheamh 
siar, 

'S  an  lionadh  anns  an  6b. 


M^CORDUOCnLE 

C  LAS  COWV  LONDON 


Aireamh  8 


1940 


Saorsa  tre  fhuil 


THA  moran  dhaoine  ann  a  ghabhas  oilbheum 
ma  chluinneas  iad  am  facal  fuil  ann  an 
searmonachadh  an  t-soisgeil,  agus  a  thionn- 
daidheas  air  falbh  le  t^ir  bho  theachdaire 
sam  bith  a  chuireas  cudthrom  air  eifeachd 
fuil  an  t-Slanuigheir.  Tha  iad  an  diiil  nach 
'eil  anns  an  teagasg  gur  ann  o  dhortadh  fuil 
an  t-Slanuigheir  a  tha  uile  bheannachdan  na 
reite  a'  sruthadh  ach  cuing  a  chuir  an  t-abstol 
Pol  agus  diadhairean  eUe  mu  amhach  a' 
chinne-daonna,  agus  their  iad  nach  'eil  na 
tiodhlacan  spioradaU  a  tha  an  saoghal  a  nis 
a'  sealbhachadh  o  Dhia  an  ceangal  ri  fuU 
Chriosd  na's  mo  na  tha  an  t-sid  an  ceangal 
ris  a'  ghealaich. 

Ach  anns  a'  chuis  so  tha  Pol  ceart,  mar 
tha  e  anns  gach  ni  diomhair  is  domhain  eile 
air  an  do  mheomhraich  'inntinn  ;  tha  an 
fhkinn  a  theagaisg  e  air  a  deargadh  anns  na 
laithean  bronach  so  air  cridheachan  dhaoine 
mar  le  peann  iaruinn,  an  fhu-inn  nach  gabh 
saorsa  ceannach  as  eugmhais  dortadh  fala. 
Ciod  air  bith  eUe  a  tha  an  cogadh  uamhasach 
a  tha  an  diugh  a'  fasachadh  na  Roinn-Eorpa 
a'  teagasg  dhuinn,  tha  e  a'  teagasg  dhuinn  le 
soluimteachd  gu  'm  feum  aon  duine  bas 
f  haotainn  a  chum  gu  'm  bi  beatha  aig  daoine 
eile. 

Sin  lagh  seasmhach  a  tha  a'  riaghladh  anns 
an  t-saoghal  spioradaU  ;  lagh  nach  robh  air 
a  dheanamh  le  Pol  (ged  a  leugh  Pol  e  leis  an 
tuigse  a  thug  Dia  dha)  ach  lagh  a  tha  air 
f  hilleadh  a  steach  ann  am  beatha  chloinn  nan 
daoine  o  thoiseach  tim  gu  deireadh  an 
t-saoghail.  Tha  an  lagh  sin  ag  oibreachadh 
gun  sgur  ann  am  freasdal  Dhe  air  an  talamh, 
a'  toirt  fianuis  do  'n  fhirinn  a  tha  tighinn 
thugainn  o  Chalbhari,  '  saorsa  tre  fhuU,'  agus 
"  as  eugmhais  dortadh  fala  chan'eil  maith- 
eanas  peacaidh  ann." 

lobairt  agus  adhartas. 

Gun  iobairt  cha  bhi  adhartas.  Cordadh 
no  na  cordadh  sin  riut  cha  ghabh  e  seachnadh, 
oir  is  lagh  e  a  tha  ag  oibreachadh  araon  anns 
an  t-saoghal  nadurra  agus  anns  an  t-saoghal 
spioradaU  ;  lagh  a  tha  a  nis  a'  labhairt  ann 
an  eachdraidh  an  t-saoghail  le  guth  caol  fann, 
agus  a  ris  le  guth  a  tha  mar  thoirm  mhoran 
uisgeachan,  ach  a  tha  labhairt  ann  an  crann- 
ceusaidh  Chriosd  le  cumhachd  a  thug  eadhon 
air  na  bodhair  eisdeachd.  Cha  d'  thug  an 
saoghal  riamh  leum  air  adhart  gun  neach  air 


chor-eigin  a  thabhairt  a  bheatha  air  a  sgath  ; 
maith  a'  mhorain  a'  tighinn  o  fhulangais  a' 
bheagain ;  daoine  anns  a'  bheil  uaisle  a' 
basachadh  los  gu'm  biodh  am  braithrean  bed  ; 
faidhean  agus  ionracain  agus  martaraich  a' 
meas  am  fulangais  mar  neo-ni  a  chum  gu  'm 
biodh  slighe  dhireach  air  a  dheanamh  do 
fhirinn,  do  cheartas,  agus  do  shaorsa. 

Mar  so  tha  lagh  na  h-iohairt  air  fhigheadh 
a  steach  ann  an  dliith  is  inneach  ar  beatha, 
an  lagh  air  a'  bheil  crann-ceusaidh  Chriosd  'na 
shamhladh  agus  'na  shuaicheantas  siorruidh  ; 
agus  ged  tha  an  lagh  so  ^nn  an  aon  seagh 
gruamach  is  cruaidh,  oir  tha  e  'na  mheadhon 
air  fulangas  is  bristeadh-cridhe  a  thoirt  air  a' 
ghaisgeach  agus  air  an  neo-chiontach,  tha  e 
ann  an  seagh  eile  maiseach  agus  Ian  geaUtanais 
do  'n  t-saoghal,  oir  tha  e  'na  mheadhon  air 
na  beannachdan  as  airde  a  thoirt  do  'n 
mhor-chuideachd  nach  b'  urrainn  an  cosnadh 
air  an  son  fein.  Na  tiodhlacan  a  tha  deanamh 
ar  beatha-ne  an  diugh  socrach  is  comh- 
fhurtachail  is  sabhailte, — bha  iad  air  an 
ceannach  dhuinn  le  saothair  anama  is  fuU  ; 
tre  obair  is  fulangas  is  fein-aicheadh  dhaoine 
eile,  a  tha  nis  eadhon  an  ainmean  air  an 
dichuimhneachadh,  thainig  beannachdan  thu- 
gainn air  son  nach  do  shaothraich  sinn. 

Athailtean  na  h.iobairt. 

Tha  e  air  a  radh  gu  'n  do  mharbhadh  aon 
duine  co  dhiu  mu  choinneamh  gach  mile  de 
'n  rathad-iaruinn  a  rinneadh  anns  an 
dtithaich  ;  faodar  a  radh  le  firinn  gu  'n 
deachaidh  iad  sin  iobradh  a  chum  gu  'm 
biodh  rud  maith  air  a  thoirt  dhuinne.  Na  'n 
robh  stiil  gheur  is  cridhe  tuigseach  againn 
chitheamaid  air  gach  beannachd  a  tha  sinn 
a'  sealbhachadh  athailtean  na  h-iobairt ; 
braonnan  dearg  fuil-chridhe  nan  daoine  a 
choisinn  na  beannachdan  sin  dhuinn.  Leon- 
adh  daoine  eile  a  chum  gu  'm  bitheamaid-ne 
gun  leon  ;  chaidh  iad  a  steach  do  ghleann 
dorcha  a'  bhais  a  chum  sinne  a  thoirt  do 
ionad  tearuinte  is  farsuinn.  Gun  iobairt 
chan  'eil  adhartas,  agus  gun  dortadh  fala  chan 
'eil  saorsa. 

Cha  deachaidh  an  saoghal  riamh  aon 
cheum  air  aghaidh,  cha  d'  fhuair  sinn  maith 
as  fhiach  maith  a  radh  ris  gun  duine  air 
choreigin  no  daoine  a  bhi  air  an  ceusadh  agus 
air  an  gonadh  thun  an  cridhe  le  moran 
dhoUgheasan.    Sin  lagh  nach  'eil  dol  as  air  ; 


SAORSA  TRE  FHUIL— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


ma  lorgaicheas  tu  cursa  an  t-srutha  a  tha 
giiilan  e61ais  agus  sith  agus  saorsa  gu  sliochd 
Adhaimh  chi  thu  gu  bheU  an  sruthan  daonnan 
ag  eirigh  a  tobar  d'  an  ainm  Calbhari.  Ma 
bu  mhaith  leat  dearbhadh  f  haotainn  gu  bheil 
teachdaireachd  an  t-soisgeil  fior,  a'  comh- 
fhreagairt  do  fhein-fhiosrachadh  mhic  an 
duine,  ciod  an  dearbhadh  as  cinntiche  na  so, 
gu  bheil  an  Tiomnadh  Nuadh  a'  cur  fa 
chomhair  an  t-saoghail  mar  Shl^nuighear 
neach  aig  a'  bheil  Crun-droighinn  air  a  cheann. 

Ded  beag  soluis. 

Anns  na  smuaintean  so,  ilia  ta,  gheibhear 
leus  beag  de  sholus  anns  na  laithean  bronach 
anns  a'  bheil  sin  beo  ;  agus  c6  aig  nach  'eil 
feum  air  gath  soluis  anns  an  tiugh-dhorchadas 
a  tha  ag  iadhadh  umainn.  Ma  tha  Dia  'na 
fhreasdal  ag  oibreachadh  leis  an  lagh  so, 
ma's  e  so  aon  de  na  doighean  anns  a'  bheU  e 
ag  oUeineachadh  a  chloinne  ann  am  fu-eant- 
achd,  feumar  a  chuimhneachadh  nach  'eil  e 
ag  iarraidh  air  mac  an  duine  ni  a  dheanamh 
ach  an  ni  a  rinn  E  fein.  Is  e  sin  r 'a  radh,  tha 
a'  cheart  lagh  a  tha  ag  oibreachadh  ann  am 
beatha  dhaoine  ri  f  haicinn  anns  an  Diadhachd 
fein,  oir  ann  an  tabhartas  a  Mhic  tha  Dia  a' 
nochdadh  gu'n  d'  fhuihng  e  bron  agus 
saothair  anama  a  chum  gu'm  biodh  saorsa 
agus  oighreachd  shiorruidh  againne  mar 
thoradh  fhulangais. 

Chan  ann  mar  sheann  naidheachd  a  bu  choir 
dhuinn  naidheachd  Chalbhari  a  leughadh;  mar 
ni  a  thachair  o  chionn  f  hada  nan  cian  agus  aig 
nach  'eil  buintealas  no  daimh  ris  na  nithean 
a  tha  lathair,  no  ri  beatha  dhaoine  anns  an 
Ik  an  diugh  ;  ann  am  b^s  Chriosd  air  Calbhari 
tha  sinn  a'  faicinn  an  lagha  'na  mhaise  agus 
'na  iomlanachd,   gur   ann  tre  fhuil   a  thig 


saorsa ;  tha  e  'na  dhealbh  air  nithean  a  bha, 
agus  a  tha,  agus  a  bhitheas  gu  siorruidh,  fior 
ann  am  beatha  mhic  an  duine  agus  ann  an 
eachdraidh  an  t-saoghail.  Tha  iobairt  a'  call 
a  maise  an  uair  a  tha  i  air  a  tabhairt  a  dh' 
aindeoin,  oir  is  e  maise  na  h- iobairt  gu  'm 
biodh  i  air  a  tabhairt  le  saor  thoil  agus  teas 
ghradh. 

Iobairt  uasal. 

Bha  tabhartas  Chriosd  as  leth  a  bhraithrean 
uasal  agus  eifeachdach  do  bhrigh  gu'n  do 
choisrig  e  e  fein  gu  toileach  a  chosnadh  saorsa 
tre  fhuil.  Cha  b'e  na  tairngean  a  chuireadh 
'na  chasan  agus  'na  lamhan  a  chum  air  a' 
chrann  e  ach  a  thoil  uasal  fein.  Cha  b'e 
daoine  a  thug  bhuaith  a  bheatha  a  dh' 
aindeoin  ;  thug  e  seachad  i  le  a  shaor  thoil 
mar  eiric  air  son  mhorain.  Sin  an  t-aobhar 
gu  bheil  eifeachd  shiorruidh  'na  fhuil ;  aiir  a' 
chrann- cheusaidh  an  uair  a  bhais  bha  e  na 
bu  chumhachdaiche  na  bha  e  riamh  'na 
bheatha.  "  Mise  ma  thogar  suas  o'n  talamh 
mi  tairnigh  mi  na  h-uile  dhaoine  a'm' 
ionnsaigh." 

Dhoirteadh  fhuil  phriseil-san  o  chionn  nan 
ceudan  bliadhna,  ach  tha  i  fhathast  a'  ruith 
troimh  na  Hnntean  mar  abhainn  iocshlaint- 
each  anns  a'  bheil  cumhachd  dhiomhair  is 
bheo.  Tha  i  a'  teagasg  do  'n  t-saoghal  mar 
nach  b'  urrainn  briathran  duine  no  aingU  a 
theagasg,  gur  e  fulangas  pris  na  saorsa.  Sin 
leasan  a  tha  ar  duthaich  ag  ionnsachadh  as 
ilr  ann  an  calldachd  a'  chogaidh  ;  leasan  a 
bha  i  a'  cur  an  suarachas  ann  an  laithean  a 
suaimhneis  ;  ach  air  sUghe  nach  do  shaoil 
sinn  tha  Dia  'g  ar  toirt  air  ar  n-ais  gu  Calbhari 
agus  gu  teachdaireachd  na  fala  air  an  do 
rinn  sinn  dearmad. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


{air  a  leantuinn) 


AN  uair  a  ghabh  Uilleam  Leishman  aonta 
iir  air  Leacamas  ann  an  1874  bha  timeanna 
maith  aig  tuathanaich.  Bha  prisean  maith 
air  crodh  agus  air  caoraich,  air  buntata  agus 
air  coirce,  agus  bha  prisean  ag  eirigh.  Bha 
e  na  b'  fhasa  seirbhisich  f haotainn  na  tha 
e  an  diugh,  agus  cha  robh  tuarasdal  ghiUean 
cho  m6r.  Ach  ged  nach  robh  an  tuarasdal 
mor  ann  an  airgiod  bha  na  gUlean  a'  faotainn 
rud  a  b'  fhearr  d'an  teaghlach  na  airgiod, 
biadh  agus  connadh.  So  an  tuarasdal  a  bha 
aig  na  gUlean  aig  Uilleam  Leishman  ann 
an  1875. 


Da  not  air  fhichead  (anns  a'  bhhadhna) 

Tigh  gun  mhal  agus  garadh 

Tri  tunna  guaU 

Se  ceud  deug  slat  de  thalamh  buntata 

Ochd  boUa  de  mhin-choirce 

Se  boUa  de  mhin-eorna 

Feurach  agus  fodar  do  mhart. 

Cha  robh  aig  na  ciobairean  ach  se  notaich- 
ean  deug  anns  a'  bhliadhna,  ach  bha  da 
bholla  a  bharrachd  aca  de  mhin-choirce 
(theagamh  air  son  nan  con)  agus  feurach  da 
mhart  agus  se  caoraich  dheug. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Bha  tri  bailtean-fearainn  aige  fo  chaoraich 
a  thuilleadh  air  Leacamas  ;  a  h-uile  bliadhna 
bhiodh  e  a  reic  suas  ri  da  cheud  deug  molt 
aig  Feill  na  h-olainn  an  Inbhir-nis,  cuid 
dhiubh  maol  ach  a'  chuid  mhor  dhiubh 
dubh-cheannach.  So  na  prisean  a  fhuair  e 
air  na  caoraich  ann  an  1874-75-76-78-79-80. 


Caoraich  Mhaola 

Muilt     Crogaichean 


Uain 


1874    . 

43/9 

35/- 

17/- 

1875    . 

•         47/- 

35/- 

21/- 

1876    . 

51/3 

34/- 

23/6 

1877    . 

50/- 

39/- 

23/- 

1878    . 

.         48/- 

36/- 

21/6 

1879    . 

.         43/- 

35/- 

20/- 

1880    . 

42/- 

30/- 

20/- 

Dubh-cheannaich 

Muilt 

Crogaichean 

Uain 

1874    . 

34/6 

19/- 

13/- 

1875    . 

35/6 

20/3 

15/- 

1876    . 

37/9 

23/9 

18/3 

1877    . 

36/- 

24/- 

20/9 

1878    . 

35/- 

22/- 

20/- 

1879    . 

34/9 

22/9 

10/- 

1880   . 

37/- 

22/- 

18/- 

Anns  na  bliadhnachan  mu  dheireadh,  o 
1914  gu  1922  b'  e  so  na  prisean  a  fhuair  e 
air  na  caoraich  dhubh-cheannach  a  reic  e 
ann  am  Peairt.  Bhiodh  e  a'  reic  nan  caorach 
mhaola  ann  an  Inbhir-nis. 


Muilt 

Crogaichean 

Uain 

1914    . 

37/- 

34/- 

24/- 

1915    . 

•         41/- 

38/6 

25/6 

1916    . 

45/- 

42/- 

27/9 

1917    . 

49/- 

46/3 

30/- 

1918    . 

53/- 

50/9 

32/3 

1919    . 

59/- 

54/3 

35/- 

1920    . 

79/- 

62/3 

41/- 

1921    . 

60/- 

61/9 

45/- 

1922    . 

62/- 

72/6 

43/- 

Ann  an  1915  (chan  'eil  am  mios  no  an  la 
air  ainmeachadh)  sgriobh  Uilleam  Leishman 
so  'n  a  leabhar-sgriobhaidh  : — 

"  Chaochail  an  ciobair  a  6'  fhearr  a 
bha  agam  riamh  an  raoir,  Alasdair 
Friseal.  Thainig  e  chugam-sa  a  Oleann 
Moireasdan,  ach  tha  mi  an  diiil  gu'm 
buineadh  e  do  Ghearr-loch,  ach  ma  bha 
cuideachd  aige  an  sin,  cha  deachaidh  e 
riamh  air  ais  'g  am  faicinn.  'N  a  phearsa, 
'n  a  inntinn,  agus  'n  a  dhdighean,  bha  e 
air  leth  o  dhaoine  eile,  Ian  neonachais, 
Ian  ghisreagan,  agus  cho  cas  ris  na 
drisean,   ach   sgileil   agus   beachdail   am 


measg  chaorach,  agus  na  bu  churamaiche 
umpa  na  bha  e  uime  fhdin.  Chan  fhacas 
riamh  cdta-uisge  no  breacan  air,  air  cho 
fuar  no  cho  fliuch  's  'g  am  bitheadh  an 
laiha,  agus  cha  mho  a  chunnacas  riamh 
comhdach-cinn  eile  air  ach  ad  chruaidh. 
Bhiodh  an  ad  air  ann  an  teas  an  t-samh- 
raidh,  a'  cruinneachadh  nan  caorach  air 
a'  7nhonadh,  is  bhiodh  i  air,  ag  obair  anns 
an  fhang  ;  co  dhiubh  a  bha  ann  turadh 
no  uisge,  grian,  no  gaoth,  no  sneachd,  bha 
ad  chruaidh  air  ceann  Alasdair.  'N  am 
measg  fhdin,  far  nach  cluinneadh  e  iad, 
bhiodh  na  balaich  agam-sa  agus  na  ciob- 
air can  oga  a'  cur  gheall  mu  dhath  na 
h-aide,  no  an  e  an  aon  te  a  bha  air  o 
dW  fhag  e  Oleann  Moireasdan,  no  am 
biodh  i  air  anns  an  leabaidh,  ach  co 
dhiubh  a  bha  an  ad  ciar  no  uaine,  bha 
barrachd  titir  anns  a'  cheann  a  bhafoidhpe 
na  bha  ann  an  ciobair  eile  eadar  Guach 
agus  Cille-sgumain. 

"  Bha  e  maith  air  comharraidhean  na 
h-aimsir  a  leughadh,  agus  fad  na  h-iiine 
a  bha  e  agam  cha  do  rug  stoirm  air  gun 
fhios  da,  no  gun  na  caoraich  a  bhi  ann  am 
fasgadh.  Aon  gheamhradh  mu  thri 
seachduinean  an  ddidh  na  Nollaige  thainig 
droch  stoirm  a  rinn  call  mor  do  thuath- 
anaich-chaorach  anns  an  t-siorramachd  so. 
Bha  an  t-sid  maith  aig  an  am,  agus  gun 
choslas  atharrachaidh  oirre,  is  bha  na 
caoraich  fada  mach.  Cha  robh  Alasdair 
Friseal  gu  maith  aig  an  am ;  bha  mise 
air  falbh  6'n  tigh,  air  ghnothuch  air 
choir eigin  an  Diin-iideann,  ach  an  uair 
a  thainig  an  sneachd  agus  gun  diiil  ris, 
agus  a  chunnaic  mi  anns  na  paipearan- 
naidheachd  gu'n  robh  rathaidean  air  an 
dunadh,  agus  caoraich  air  an  tiodhlacadh, 
agus  cuitheanna- sneachd  ri  fhaicinn  anns 
an  robh  ceithir  troighean  deug  a  dhdimhn- 
eachd,  ghreas  mi  orm  dhachaidh  agus 
fhios  agam  gu  robh  an  ciobair  air  a 
leabaidh.  Ach  bha  an  rathad-iaruinn  air 
a  dhunadh  cho  maith  ri  rathaidean  eile, 
agus  a  dh'  aindeoin  mo  chabhaig  cha 
d'  fhuair  mi  dhachaidh  gu  Di-ciadaoin 
an  diidh  na  stoirme,  a  bha  air  Di-haoine 
a§us  Di-sathuirn. 

"An  uair  a  choinnich  fear  de  na  balaich 
mi  leis  an  each  b'  ea'  cheud  fhacal  a  thuirt 
mi  ris,  '  An  cuakt  sibh  dad  mu  na 
caoraich  air  Cuach,  no  mu'n  chiobair  ?  ' 

"  Tha  na  caoraich  air  Cuach,"  ars  esan, 
ceart  gu  ledir ;  "  chuir  Alasdair  Friseal  a 
mhac  a  dh'innseadh  dhuinn  gu  robh  na 
caoraich  sabhailte.' 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


"  Bha  na  caoraich  sabhailte  gun  teag- 
amh,  le  curam  agus  dilseachd  a'  cMobair. 

''N  a  sMneadh  anns  an  leabaidh  mu 
choinneamh  na  h-uinneig  mu  dha  uair 
feasgar  Di-haoine  chunnaic  e  coslas  air 
an  speur  nach  do  chord  ris,  agus  gun  dad 
a  radh  ri  mhnaoi,  dh'eirich  e  is  sheall 
e  a  mach.  Anns  a'  mhionaid  thill  e 
steach  is  chuir  e  an  ad  agus  a  bhrogan 
air,  ag  radh  gun  iomguin  air  bith  a  bhi 
oirre  ach  gu'n  robh  esan  a'  dol  a  dh'fhaicinn 
c'aite  an  robh  na  caoraich.  Rinn  i  na 
b'urrainn  dhi  'g  a  chumail  o  dhol  a  mach 
agus  e  'n  a  chrioplach  bochd,  ach  bha  cho 
maith  dhi  feuchainn  ri  Cruachan  a 
■  charachadh.  Thug  e  leis  an  da  chit  is 
thuirt  e  rithe  iarraidh  air  a  mhac  a 
leantuinn,  an  uair  a  thigeadh  e  dhach- 
aidh.  Mu  leth  uair  an  diidh  tri  thoisich 
an  sneachd  air  tuiteam,  is  dh'dirich  a' 
ghaoth  le  toirm  eagallach  anns  na  coir- 
eachan,  agus  m'  an  do  dhorchaich  an 
oidhche  bha  cur  is  cathadh  gabhaidh  ann. 
Lean  an  stoirm  oirre  gun  tlobradh  gu 
feasgar  Di-sathuirn.  Bha  Alasdair  Friseal 
agus  a  mhac  a  muigh  fad  na  h-oidhche, 
agus  gu  meadhon-la  Di-sathuirn,  ach 
chaidh  aca  air  na  caoraich  a  thuirt  a 
cunnart  gu  fasgadh  le  droch  ghiollachd  a 
thoirt  d'  an  cuirp  fhdin  agus  am  beatha 
fhdin  a  chur  an  cunnart. 

"  Bu  dona  am  maighstir  aig  nach  biodh 
meas  air  seirbhiseach  de'n  t-sedrsa  so, 
chan  ann  a  mhain  mar  sheirbhiseach  ach 
mar  charaid  dileas. 

"  Chan  fhaca  Alasdair  Friseal  caora 
riamh  nach  aithnicheadh  e  a  ris,  na'n 
socruicheadh  e  a  shitil  oirre  gu  sonruichte  ; 
an  uair  a  bhitheamaid  a'  cur  nan  uan  o 
dheoghal  agus  a'  cur  air  leth  nan  uan 
boirionn  a  bha  ri  bhi  air  an  gleidheadh  air 
son  stuic  rachadh  aige  air  am  mathraichean 
a  chomharrachadh  dhomh  ann  an  da  mhi- 
onaid ma  bha  teagamh  agam  am  6'  fhiach 
an  t-uan  a  ghleidheadh.  Cha  bu  toigh 
leis  uan  a  chumail  mar  chaora-stuic  ma 
bha  dad  idir  de  choslas  muilt  oirre  'n  a 
h-aodann  no  'n  a  cumadh.  Theireadh  e 
gur  e  Dia  a  rinn  '  firionn  '  agus  '  boir- 
ionn' iad,  agus  na  nithean  a  dhealaich 
esan,  nach  bu  chdir  dhuinne  a  mheasgadh." 

Bha  bliadhnachan  a'  chogaidh  (1914-1918) 
'n  am  bliadhnachan  soirbheachail  do  thuath- 
anaich,  oir  is  fhada  o  chualas  am  facal  gu'n 


cuir  rongan  cogaidh  spreigeadh  anns  a' 
mhargadh.  Ach  cha  b'e  rongan  beag  cogaidh. 
a  bha  anns  a'  chogadh  mu  dheireadh  ach 
tuil  agus  crith-thahnhainn  a  theab  an  Roinn- 
Eorpa  a  sgrios.  Bha  an  cogadh  a'  laighe  gu 
trom  air  cridhe  UiUeam  Leishman,  agus  anns 
na  bliadhnachan  mu  dheireadh  d'a  bheatha 
bha  e  a'  sgriobhadh  uime  na  bu  trice  na  bha 
e  a'  sgriobhadh  mu  chuspair  air  bith  eile. 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne  aig  cuid  de 
na  leughas  an  duilleag  so  air  an  aimsn 
chiuin  agus  bhreagh  a  bha  againn  anns  an 
fhoghar  an  1914,  an  August  agus  September. 
Bha  mise  ann  an  Sasunn  aig  an  am,  is  bidh 
cuimhne  agam  gu  brath  air  na  laithean 
grianach  ud,  agus  air  maise  na  duthcha,  is 
bha  car  de  na  ceart  smuaintean  'n  am  chridhe 
a  bha  ann  an  cridhe  UiUeam  Leishman  an 
uair  a  sgriobh  e  so  'n  a  leabhar-la. 

"  Chan  'eil  eagal  no  iomguin  orm  am 

bliadhna  an  uair  a  chaidleas  mi  anns  an 

oidhche   gu'm   bi   an   dile   ann   anns   a' 

mhaduinn,   oir  tha  a  h-uile  la  a'   toirt 

barr  air  an  la  a  bha  roimhe.    Tha  a  h-uile 

ni  maith  agus  mar  a  dh'iarramaid  ach  a 

mhain  gu  bheil  uamhas  a'  chogaidh  maille 

ruinn  'n  ar  diisgadh  agus  'n  ar  cadal.   Car 

son  a  tha  daoine  a'  marbhadh  a  chdile 

agus  gun  fuath  aca  d'a  chiile  ?    Car  son 

a  ghabhadh  rioghachdan  oilbheum  a  thaobh 

nithean  nach  tugadh  oilbheum  do  dhuine 

glic  ?  An  ann  o  Dhia  a  tha  cogadh,  no  an  e 

obair  Shatain  a  tha  ann  uile  gu  leir  ? 

Co  as  urrainn  a  radh  ?     Tha  daoine  glic 

agus   daoine  diadhaidh  a'  feuchainn  ri 

cogadh  a  chur  as,  ach  chan  e  mhain  gu 

bheil  sin  a'  fairtleachadh  orra  ach  tha 

iad  fdin  air  an  tarruing  a  steach  ann, 

agus   air   a'    cheann   mu   dheireadh   tha 

lamh  aca  ann.    Agus  chan  e  sin  a  mhain 

ach  cha  bhiodh  an  coguis  reidh  riu  mur 

biodh  lamh  aca  ann,  a  chionn  gu  bheil 

iad  cinnteach  gu  bheil  iad  a'  seasamh  na 

cor  ach.  Ane  cogadh  aon  de  na  meadhonan 

leis  a  bheil  Dia  a'  cur  an  gdill  a  thoile 

agus  a  ruintean  anns  an  t-saoghal  ?   Chan 

urrainn  mi  a  radh.    Tha  e  'n  a  dheacair- 

eachd  dhomh.     Tha  m'  inntinn  ann  an 

ceo,  mar  dhuine  a'  gluasad  an  rathad  ud 

agus  an  rathad  ud  eile,  agus  gun  e  a' 

faicinn  ach  sgailean.    Is  e  an  aon  ni  as 

urrainn    mi    a    dheanamh    le    m'    uile 

chridhe,  a  bhi  ag  urnuigh  ri  Dia  air  son 

sith,  agus  a  bhi  ag  urnuigh  gu'n  tigeadh 

a  rioqhachd."  ,^.-, 

[Ri  leantuinn.) 


Chan  'eil  ni  nuadh  fo'n  ghrein 

An  ni  a  bha  ann  is  e  an  ni  sin  fein  a  bhitheas  ann  ;  chan  'eil  ni  sam  bith  nuadh 
fo'nghrdin." — Ecclesiastes  I.  9. 


THA  facal  an  Tighearna  sean  agus  ur,  fior 
agus  seasmhach,  anns  an  t-seagh  so,  nach  'eil 
dad  a  thachras  ann  am  beatha  dhaoine  no 
ann  an  eachdraidh  rioghachdan  nach  'eil 
rudeigin  anns  a'  BhiobuU  coltach  ris  ;  seann 
ni  a  tha  coltach  ris  an  ni  nuadh. 

Is  fhada  Asiria  o'n  Fhraing,  agus  is  fhaide 
na  sin  Heseciah  o  cheannardan  na  Frainge, 
ach  ma  leughas  tu  an  ochdamh  agus  an 
naoieamh  caibideil  deug  de  Dhara  Leabhar 
nan  Righrean  chi  thu  nach  'eil  Hitler  a' 
deanamh  air  an  Fhraing  (no  oirnne  cuideachd 
ma  theid  aige  air  a  dheanamh)  ach  mar  rinn 
Senacherib,  righ  Asiria,  air  ludah. 

Innsidh  mi  an  naidheachd,  facal  air  an 
fhacal,  ach  a  mhain  gu'n  giorraich  mi  i. 

B'  fheudar  do  Heseciah  a  chuid  a  b'  fhearr 
a  dheanamh  de'n  chuid  bu  mhiosa,  oir  cha 
b'  urrainn  dha  seasamh  ri  Senacherib,  a 
ghlac  bailtean  ludaih.  "  Ma  bheir  thu  air 
ais  t'  arm,"  ars  esan,  "  bheir  mi  dhuit  suim 
airgid  air  bith  a  dh'  iarras  tu." 

Sin  mar  bha  ;  b'  fheudar  dha  a  chain  a 
chuir  Senacherib  air  a  phaigheadh,  gu  ruige 
or  an  teampuill.  Tharruing  Senacherib  an 
t-arm  air  falbh  o  lerusalem,  ach  ma  tharruing, 
cha  do  sheas  e  ri  fhacal ;  thainig  e  air  ais  a 
ris,  agus  cumhachan  lira  a  dhith  air. 

Chuir  e  teachdairean  gu  Heseciah  ^an  uair 
a  leughas  tu  ciod  a  thubhairt  Rabsaceh  nach 
saoil  thu  gur  e  Goebbels  a  tha  thu  a'  cliiintinn 
a'  moladh  treunadas  Hitler !)  ag  radh  ris, 
"  Ciod  am  feum  a  tha  ann  dhuit  a  bhi  seasamh 
am  aghaidh-sa,  no  ciod  an  tairbhe  a  tha  ann 
dhuit  earbsa  a  chuir  an  Dia  do  nach  urrainn 
or  a  theampuill  fein  a  dhion." 

An  sin  thoisich  Rabsaceh  air  bruidhinn  ri 
muinntir  ludaih  uile,  air  chiil  an  righ,  mar 
tha  a'  Ghearmailt  a'  deanamh  air  an  Radio 
anns  na  laithean  so  :  "  Chan  'eil  ann  an  righ 
Heseciah  ach  righ  gun  arm,  righ  anfhann  an 
coimeas  ri  Senacherib  aig  a  bheil  arm  a 
cheannsaicheas  an  saoghal ;  chan  urrainn 
Heseciah  bhur  saoradh  a  laimh  righ  Asiria  ; 
mar  sin  bithibh  ghc  agus  na  seasamh  a  mach 
an  aghaidh  Shenacherib,  ach  geiUibh  dha." 

An  uair  a  dh'  innseadh  do  Heseciah  na 
cumhachan  a  bha  Senacherib  a'  dol  a  chur 
air  fhein  agus  air  a  dhaoine,  agus  a'  bhoihch 
agus  am  maoidheadh  a  rinn  Rabsaceh  mu 
Shenacherib  agus  an  t-arm  cumhachdach  a 
bha  aige,  reub  e  'aodach,  agus  chaidh  e  do 
thigh  an  Tighearna. 

Ann  an  tigh  an  Tighearna  f  huair  e  solus 
agus  comhairle,  is  chuir  e  fios  gu  Isaiah,  am 
f^idh,  a'  caoidh  cor  a  dhuthcha,  agus  an  tair 


agus  am  masladh  a  rinneadh  oirre,  agus  ag 
iarraidh  air  tirnuigh  a  dheanamh  air  a  son. 
Fhreagair  am  faidh  e.  Mar  so  tha  lehobhah 
ag  radh,  Na  biodh  eagal  ort  roimh  na  briathran 
a  chuala  tu,  leis  an  d'  thug  oglaich  righ 
Asiria  masladh  dhomhsa  ;  feuch  cuiridh  mise 
spiorad  ann,  agus  cluinnidh  e  iomradh,  agus 
pillidh  e  d'a  thir  fein,  agus  bheir  mise  air 
tuiteam  leis  a'  chlaidheamh  'n  a  thir  f^in. 

Chan  e  mhain  gu  bheil  a'  Ghearmailt  an 
diugh  na  's  laidire  na  bha  Asiria  ach  tha  i  a' 
deanamh  tair  agus  masladh  air  rioghachdan 
eUe  nach  do  rinneadli  riamh  air  daoine  no 
air  diithchannan.  Chan  'eU  cainnt  aig  daoine 
reidh  anns  an  gabh  gniomharan  olc  na 
GearmaUte  innseadh  ;  breugan,  mort,  sannt, 
foirneart  au'  comhearsnaich  lag  agus  neoch- 
iontach,  agus  maoidheadh  gun  sgur  air  gach 
duine,  no  comunn,  no  duthaich,  air  am 
maith  leatha  eagal  a  chur  ;  na'n  robh  sin 
air  a  dheanamh  le  duiae  a  b'  aithne  dhuit 
cha  bheireadh  tu  air  laimh  air,  is  theireadh  tu 
nach  biodh  de  bhathais  aige  e  fein  a 
nochdadh  am  measg  dhaoine  criosdail.  Ach 
chan  fhearr  ach  gur  miosa  an  gnothuch, 
agus  gur  mo  an  naire,  gu  bheU  so  air  a 
dheanamh  chan  ann  le  aon  duine  ach  le 
ceithir  fichead  muillean  GearmaUteach  a 
tha  a'  deanamh  timhlachd  do  Hitler  mar  dhia. 

Ach  buidheachas  do  Ni-maith  tha  aon 
duthaich  agus  aon  sluagh  anns  an  t-saoghal 
air  nach  'eU  eagal  seasamh  an  aghaidh 
foirneart  agus  lamhachas-laidir  na  Gear- 
mailte.  Chan  e  nach  'eil  cuis-eagaU  ann,  oir 
tha  an  namhaid  laidir,  agus  innleachdach, 
agus  diorrasach,  agus  borb,  ach  b'  fhearr  le 
muinntir  Shasuinn  agus  Albann  an  cuid 
agus  an  inbhe  a  chaU  na  gu'n  caiUeadh  iad 
an  saorsa,  no  gu'm  biodh  iad  fo  chasan 
spuinneadairean . 

Ma  tha  e  's  an  dan  gu'n  teid  iompaireachd 
Bhreatuinn  sios  ciod  an  doigh  anns  amb' 
fhearr  dhi  dol  sios  na  buille-bhais  fhaotainn 
a'  cothachadh  air  son  nan  nithean  d'  an  robh 
i  riamh  dileas,  a  dh'  aindeoin  a  h-uile 
sheachranaibh,  firinn  agus  saorsa  ? 

Ach  tha  dochas  maith  againn  nach  teid 
Breatunn  sios,  ach  bithidh  an  cogadh  fada 
agus  uamhasach,  agus  feumaidh  sinn  uile 
misneach  a  bhi  againn  agus  gun  sinn  fhein 
a  ghearan  ged  thigeadh  na  soithichean- 
adhair  m'  ar  cinn.  Ciod  e  ar  beatha-ne 
seach  gu'm  biodh  buaidh  aig  Breatunn  anns 
an  obair  uasal  ris  an  do  chuir  i  a  lamh  le 
eagal  ach  gun  gheUt  no  ath-chomhairle  ? 


Ceist  an  ludhaich 


Le  W.  B.  H. 


CHA  do  dhichuimhnich  mi  riamh  rud 
neonach  a  thachair  dhomh  o  chionn  moran 
bhliadhnachan  ann  an  carbad-iaruinn  eadar 
Diln-eideann  agus  Glaschu.  'N  a  shuidhe 
laimh  rium  bha  ludhach  6g  tapaidh  as  na 
Gorbals,  an  Glaschu,  agus  m'am  choinneamh 
soisgeulaiche  a  China,  duine  6g  talantach  a 
bha  aig  an  tigh  air  forlach. 

Chaidh  an  dithis  an  seanchas  ri  cheile  mu 
nithean  spioradaU,  agus  chord  e  rium  gu 
h-anabarrach  a  bhi  cluinntinn  an  t-soisgeul- 
aiche  a'  toirt  fianuis  mu  Chriosd  do  dhuine 
a  bha  a  chridhe  cruadhaichte  an  aghaidh 
fu-inn  an  t-soisgeil. 

"  An  urrainn  thu  innseadh  dhomh,"  ars  an 
t- ludhach,  "  aon  rud  a  rinn  an  Criosd  so  a 
tha  thu  a'  moladh  air  do  shon  fein  ?  "... 

"  Is  urrainn,"  ars  an  soisgeulaiche. 

"  Ciod,  ma  ta,  a  rinn  e  dhuit  ?  "  ars  an 
t-Iudhach. 

Anns  a'  mhionaid  f  hreagair  an  soisgeulaiche, 
agus  cha  do  dhichuimhnich  mi  riamh  an  rud 
a  thubhairt  e,  "  Thug  Criosd,"  ars  esan,  "  gu 
Dia  mi,  is  theagaisg  e  dhomh  co-chomunn 
fhaotainn  ri  Dia." 

"  An  aithne  dhuit-sa  'n  ad  fhiosrachadh 
fein,"  ars  esan  ris  an  ludhach,  "  ciod  a  tha 
e  a'  ciallachadh  do  dhuine  co-chomunn  a 
bhi  aige  ri  Dia  ?  " 

Rinn  an  t- ludhach  snodha  gau'e,  is  chrath 
e  a  cheann;  "  chan  aithne,"  ars  esan. 

"0,  chan  aithne,"  ars  an  soisgeulaiche, 
"  agus  chan  fhaigh  thu  fhios  air  gu  brath  an 
taobh  a  mach  de  Chriosd,  oir  thubhairt  esan, 
"  Is  mise  an  t-slighe  .  .  .  cha  tig  neach  air 
bith  chum  an  Athar  ach  tromham-sa." 

Cuimhnich,  a  leughadair,  gu  bheil  sin  a 
cheart  cho  fior  d'  ad  thaobh-sa  's  a  bha  e  a 
thaobh  an  ludhaich  ud.  Is  ann  tre  losa 
Criosd,  agus  tre  losa  Criosd  a  mh^in  a 
gheibh  thu  co-chomunn  ri  Dia. 

Tha  feum  agad  air  Dia. 

Bu  mhaith  learn,  mata,  anns  a'  cheud  aite  a 
radh  riut  gu  bheU  feum  agad  air  Dia.  Is  e  an 
t-uireasbhuidh  as  mo  'n  ad  bheatha,  Dia. 
Tha  thu  a'  faireachduinn  gu  bheil  fichead 
rud  'g  ad  dhith  anns  an  t-saoghal  so,  is 
theagamh  gu  bheU  sin  fior,  ach  tha  aon  ni 
feumail,  agus  gus  an  dean  thu  roghainn  de'n 
ni  sin  cha  bhi  do  chridhe  riaraichte  gu  brath. 

Is  e  an  t-iarrtas  a  tha  ann  an  cridhe  mhic 
an  duine  air  Dia  an  comharradh  as  cinntiche 
air  an  uaisle  agus  an  inbhe  a  bhuineas  dha 
gu  nadurra  ;  is  e  an  t-iarrtus  sin  a  tha  'g 
a  dhealachadh  o  na  h-ainmhidhean.  Chan 
urrainn  mac  an  duine  gun  bhi  a'  smuain- 


eachadh  air  Dia,  chan  urrainn  e  gun  bhi  'g 
a  iarraidh,  oir  is  ann  bho  Dhia  a  thainig  e, 
is  cha  bhi  a  chridhe  aig  fois  gu  brath  gus 
am  faigh  e  fois  ann  an  Dia. 

Is  e  sin  an  t-aobhar  gu  bheil  daoine  cho 
neo-fhoisneachail  's  a  tha  iad.  Chan  'eil 
creutair  eile  air  aghaidh  na  talmhainn  cho 
neo-fhoisneachaU  ri  mac  an  duine.  Car  son  ? 
Tha,  a  chionn  gu  bheil  tart  'n  a  anam  an 
geaU  air  Dia.  Tha  creutairean  na  machrach, 
crodh  agus  caoraich,  riaraichte  agus  fois- 
neachail  ma  gheibh  iad  biadh  gu  leoir  agus 
comhfhurtachd,  oir  cha  do  chruthaicheadh 
iad  air  son  crioch  as  airde,  ach  cha  riaraich 
sin  mac  an  duine,  oir  bha  esan  air  a  chruth- 
achadh  air  son  na  criche  so,  Dia  a  mhealtainn 
agus  co-chomunn  a  bhi  aige  ris. 

Truaighe  an  duine. 

Tha  truaighe  an  duine  ag  eirigh  o'n  an- 
fhois  a  tha  'n  a  chridhe,  a  chionn  gu  bheil 
tart  'n  a  chridhe  an  geaU  air  Dia,  ach  tha  an 
truaighe  so  fhein  'n  a  chomharradh  air  an 
inbhe  a  tha  aig  mac  an  duine  gu  nadurra  os 
cionn  nan  uUe  chreutairean  uUe.  A  dh'ain- 
deoin  gach  ni  eile  a  dh'  fhaodas  e  fhaot- 
ainn anns  an  t-saoghal  so  cha  bhi  e  gu 
brath  toUichte  no  aig  fois  gun  Dia. 

Na  h-abau',  a  leughadair,  nach  'eil  an  so 
ach  cainnt  mhinistearan  ;  chan  'eU  mi  ag 
radh  facal  ach  an  fhirinn  lom,  firinn  a  tha 
air  a  dearbhadh  ann  an  eachdraidh  an 
t-saoghaU,  o  laithean  an  fhir  a  sgriobh 
leabhar  Ecclesiastes  gus  an  la  diugh.  '  'Diomh- 
anas  nan  diomhanasan,"  ars  esan,  "  is  diomh- 
anasan  na  h-uUe  nithe." 

0  chionn  beagan  uine  chunnaic  mi  dithis 
dhaoine  nach  fhaca  mi  riamh  roimh.  Is  e 
an  solus  a  bha  dealradh  'n  an  gniiis  a  tharr- 
uing  m'  aire  'g  an  ionnsuidh,  solus  a  bha  ag 
innseadh  gu  soilleir  gu  robh  sith  agus 
suahmmeas  aca  's  an  taobh  a  stigh.  Agus 
na'm  feoraicheadh  tu  de'n  dithis  ud  c'aite 
an  d'  fhuair  iad  an  sith  agus  an  sonas 
theireadh  iad  le  aon  ghuth,  "  Fhuair  o  losa 
Criosd."  Ach  a  thuilleadh  air  an  dithis  ud 
tha  na  miltean  anns  an  t-saoghal  a  b'  urrainn 
a  radh, 

Chum  losa  thainig  mi  mar  bha, 
Sgith,  saruicht',  agus  trom, 
Is  fhuair  mi  ann-san  ionad-taimh, 
'S  air  m'aigne  chuir  e  fonn. 

Ni  Criosd  sin  air  do  shon-sa,  a  leughadair, 
ma  leigeas  tu  leis.  Car  son  nach  leigeadh  tu 
leis  a  dheanamh  an  diugh  fhMn ! 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Sedras  R.  MacPhail,  M.A. 

Chaochail  an  duine  gasda  so  ann  an  Dtin- 
eideann  air  a'  mhios  a  chaidh  seachad, 
ceithir  fichead  agus  a  dha  a  dh'aois.  Bhuin- 
eadh  e  do  UUabol,  an  siorramachd  Rois  ;  bha 
e  air  oileanachadh  an  OUthigh  Ghlaschii 
agus  an  Collaist  na  h-Eaglaise  Saoire,  agus 
air  a  shuidheachadh  an  Eaglais  Albert 
Square,  an  Dun-deagh,  no  mar  theireadh 
iad  rithe  an  Eaglais  Gh^idhlig,  far  an  do 
shaothraich  e  gus  an  do  leig  e  dheth  a 
dhreuchd  o   chionn  beagan  bhliadhnachan. 

Bha  tiidh  aige  ann  an  c4nain  a  dhtithcha 
agus  b^igh  aige  ri  Gaidheil,  is  bha  e  'n  a 
charaid  maith  do  dhaoine  oga  as  a'  Ghaidh- 
ealtachd  a  rachadh  do  Dhiin-deagh. 

Aodhair  maith  os  cionn  coimhthionail, 
agus  duine  maith  agus  duine  coir  aig  an 
robh  eud  an  t-soisgeil  'n  a  chridhe,  b'  e  sin 
Seoras  MacPhail. 

An  t-Urramach  Iain  C.  MacNaught,  B.D. 

Rugadh  e  an  Glaschu  an  1871,  far  an  robh 
athair  'na  mhinistear  (anns  an  Eaglais 
Shaoir,  tha  mi  an  dull)  ;  air  oileanachadh 
an  OUthigh  Ghlaschu  ;  an  deidh  dha  bhi 
greis  'n  a  fhear-cuideachaidh  am  Braigh 
Loch-abar,  agus  ri  taobh  Loch  Obha,  agus 
an  Gill  Fhionain,  bha  e  air  a  shuidheachadh 
an  Ceann  Loch-Luchairt  an  1905.  An  1914 
dh'  fhag  e  Ceann-Loch-Liichairt  is  chaidh 
e  do  'n  Chill  Mhoir  air  Machair  Rois. 

Ministear  dileas  agus  duine  anabarrach 
laghach,  iriosal,  aig  an  robh  iiidh  mhor  ann 
an  puingean-teagaisg  agus  ann  an  doighean- 
aoraidh  na  h-eaglais  abstolaich.  Bha  e  'n 
a  sgoilear  maith  agus  'n  a  dheagh  sgriobh- 
adair  ;  an  1927  chuir  e  mach  leabhar  beag 
mu'n  "  Eaglais  Cheilteach  agus  Cathair 
Pheadair." 

An  t-Urramach  Uilleam  Caimbeul,  B.D. 

Tha  ionndrainn  mhor  air  Uilleam  Caimbeul 
an  Cleir  Dhiin-chailleann,  ministear  maith 
de'n  t-seann  stoc  nach  robh  usaideach  no 
briathrach  ach  a  bha  daonnan  air  cheann  a 
ghnothuich. 

Bha  e  'n  a  mhaighstir-sgoil  iiine  bheag, 
ach  chaidh  e  air  ais  do  Oilthigh  Ghlaschu, 
far  an  do  choisinn  e  B.D.  an  1896  ;  bha  e 
air  a  shuidheachadh  an  Cill-Bhrighde  an 
1896,  agus  am  Fartairchill  an  1927,  far  an 
do  shaothraich  e  gus  an  do  leig  e  dheth  a 
dhreuchd  o  chionn  cheithir  bhhadhna. 

Bha  e  'n  dhuine  reidh  ciuin  ;  ordaU  'n  a 
obair  agus  'n  a  bheatha  ;  a'  dol  am  measg 
an  t-sluaigh  cho  timeU  ri  ciirsa  na  greine  no 
na  gealaieh  ;    agus  'g  a  ghiulan  fhein  anns 


gach  cuideachd  mar  mhmistear  agus  mar 
dhuin-uasal.  Is  ann  ri  linn  a  bha  eaglais 
Fartairchill  air  a  deanamh  cho  maiseach  's 
a  tha  i  an  diugh. 

Bha  Uilleam  Caimbeul  anabarrach  measail 
'n  a  sgireachd  fhein  aig  na  daoine  a  b' 
eolaiche  air  ;  duine  glic,  agus  duine  neo- 
eisiomaileach,  agus  duine  ceart,  nach  tugadh 
a  smuaintean,  no  a  chomhairle,  no  a  lamh, 
do  eoin  an  adhair.  Eadhon  'n  a  fhailteachadh 
bha  e  measarra  agus  treibhdhireach. 

An  t-Urramach  Tearlach  MacFhionghuin. 

Thainig  am  bas  gu  h-obann  air  Tearlach 
MacFhionghuin  a  bha  an  Eaglais  an  Naoimh 
Pol,  an  Glaschu,  agus  gun  e  ach  tri  deug  is 
da  fhichead.  Bhuineadh  e  do  Thobar 
Mhoire  ;  bha  e  air  oileanachadh  an  Cinn- 
ghiuthsaich  agus  an  Oilthigh  Ghlaschu.  An 
deidh  dha  bhi  greis  'n  a  fhear-cuideachaidh 
an  Eaglais  Ard  Inbhir-nis,  agus  ann  an 
Shettleston,  bha  e  air  a  shuidheachadh  an 
Dundyvan,  an  Cleir  Hamilton,  an  1917,  ach 
ann  am  beagan  bhhadhnachan  chaidh  e  do 
Ghlaschu.  Ged  nach  robh  e  riamh  ann  an 
eaglais  GhaidhHg  bha  Gaidhhg  mhaith  aige, 
is  bha  e  freasdalach  air  coimhearsnaich  a 
bhiodh  ag  iarraidh  air  searmonachadh  ann 
an  Gaidhlig  air  an  son.  Bha  e  'n  a  mhinistear 
a  bha  fo  dheagh  chliii  a  thaobh  a  dhilseachd 
agus  a  thalantan. 

Da  unnsa  tea. 

Nach  bochd  nach  robh  an  t-OUamh 
Mac  Iain  bed,  oir  cha  bu  lugha  na  esan  a 
b'  urrainn  am  facal  ceart  a  radh  ris  an  fhear 
a  thug  bhuainn  cuibhrionn  d'  ar  solas !  Tha 
tea  mhaith  a'  toirt  barrachd  solais  do 
bharrachd  dhaoine  air  thalamh  na  biadh  no 
deoch  air  bith  eile,  ach  a  nis  cha  bhi  anns 
an  tea  ach  stiurag  thana  agus  ghlas. 

An  uair  a  bha  an  t-OUamh  Mac  Iain  an 
Caisteal  Dhtm-bheagain  dh'61  e  seachd  cup- 
aichean  deug  tea  air  an  aon  trath,  ach  bu 
duine  e  a  b'  fhiach  tea  a  thoirt  dha,  oir  mar 
bu  mhotha  dh'  oladh  e  dhi,  agus  mar  bu 
laidire  i,  is  ann  a  b'  fhearr  a  dheanadh  e 
seanchas.  Ciod  air  bith  uair  de'n  latha  a 
rachadh  tu  'g  a  fhaicinn  bhiodh  a'  phoit-tea 
ri  taobh  an  teine  ;  bha  an  coire  aige  daonnan 
air  ghoil,  air  a'  mheadhon-oidhche  agus 
triith  anns  a'  mhaduinn.  Bheirinn  duals  do 
dhuine  air  bith  a  chuireadh  chugam  facal 
air  am  biodh  dreach  an  fhacaU  a  labhradh 
an  t-OUamh  Mac  Iain  an  uair  a  dh'  innseadh 
Seumas  BosweU  dha  nach  robh  aige  ri 
f  haotainn  ach  da  unnsa  tea  's  an  t-seachduin. 


Mu  Eadar-ghuidhe 


LE  eadar-ghuidhe  tha  mi  a'  ciallachadh 
urnuigh  as  leth  dhaoine  eile.  Sin  an  seorsa 
urnuigh  anns  am  bu  choir  do  Chriosduidhean 
buanachadh.  Ma  tha  dad  idir  de  dhiadhaidh- 
eachd  ann  an  duine  cha  dean  e  dearmad  air 
iirnuigh  air  a  shon  fein  ;  iarraidh  e  na  beann- 
achdan  sin  air  Dia  a  tha  e  a'  miannachadh, 
ach  tha  iomadh  duine  a  tha  gle  dhiadhaidh 
nach  'eil  a'  cuimhneachadh  dhaoine  eile  oho 
trie  's  a  bu  choir  dha  aig  cathair  nan  gras. 
Is  e  an  t-aobhar  air  sin  nach  'eU  e  a'  toirt 
aire  do  theagasg  a'  BhiobuUl  air  a'  chtiis, 
agus  gu  bheil  e  a'  leantuinn  ,'na  urnuighean, 
am  fasan  ris  an  robh  e  cleachdta,  gun 
smuaineachadh  uime. 

Ged  nach  'eil  mo  cuimhne  fein  a'  dol  cho 
fada  air  a  h-ais  ri  cuimhne  cuid  de  ar  luchd- 
leughaidh,  tha  cuimhne  agam  gu'm  b'e  a' 
cheud  urnuigh,  ris  an  abairteadh  an  iirnuigh 
mhor,  an  urnuigh  a  bu  phrionnspalaiche  anns 
an  tigh-aoraidh  air  la  na  Sabaid.  Bha  a' 
chuid  bu  mhotha  de  'n  iirnuigh  sin  air  a 
thoirt  suas  le  aideachadh  pheacaidhean 
aideachadh  a  dh'  fheumadh  a  bhi  air  a 
dheanamh  ann  an  doigh  cho  coitchionn  's 
nach  bioradh  e  coguis  neach  beo  a  chionn 
nach  robh  peacaidhean  sonruichte  air  an 
aideachadh  air  an  ainm  no  air  an  ceann. 
Ma  bha  eadar-ghuidhe  air  a  dheanamh  idir 
anns  an  t-seirbhis — agus  air  uairean  cha 
robh — bha  na  bochdan  agus  daoine  tinn, 
an  righ  agus  an  rioghachd,  is  daoine  a  bha  a' 
basachadh,  air  an  cur  air  aon  ghad  agus 
athchuinge  ghoirid  air  a  chur  suas  air  an 
son  ann  am  facal  no  dha  aig  deireadh  an 
t-searmoin,  an  uair  a  bha  feoil  a'  chomh- 
thionail  mi-thoileach  air  a  bhi  fantuinn  a 
stigh  na  b'  fhaide. 

Cha  robh  so  idir  ceart  no  freagarrach,  agus 
tha  e  'na  aobhar  taingealachd  gu  bheil 
atharrachadh  ri  fhaicinn  ann  an  eaglaisean 
an  diugh.  An  diugh  tha  a'  cheud  iirnuigh 
na  's  giorra  gu  mor,  agus  tha  urnuigh 
eile  air  a  cur  suas  roimh  'n  t-searmon  a 
tha  uUe  gu  leir  'na  h-eadarghuidhe  ; 
urnuigh  anns  am  bheil  athchuingean  air 
an  deanamh  as  leth  na  h-eaglais,  obair 
agus  seirbhisich  Dhe  anns  an  t-saoghal, 
air  son  na  rioghachd  is  luchd-riaghlaidh, 
agus  as  leth  dhaoine  eile  anns  gach  cor  is 
suidheachadh. 

Teagasg  a'  Bhiobuill. 

Anns  an  Tiomnadh  Nuadh  tha  cudthrom 
anabarrach  air  a  chur  air  eadar-ghuidhe, 
iirnuigh  air  son  dhaoine  eile.  Anns  na 
h-earailean  mu  dheireadh  a  thug  Criosd  do 
na    h-abstoil   m'    an    d'fhag   e    an    saoghal 


labhair  e  fada  barrachd  mu  eadar-ghuidh© 
na  labhair  e  mu  shearmonachadh  an  t-soisgeil. 
Agus  nach  e  ministrealachd  na  h-eadar- 
ghuidhe an  obair  phriseU  agus  bheannaichte 
a  tha  an  Slanuighear  fathast  a'  coimhhonadh 
air  ar  son-ne  aig  deas  laimh  Dhe  ?  A  la 
agus  a  dh'  oidhche  air  neamh  tha  na  lamhan 
naomh  togta  as  ar  leth-ne  ann  an  sagartachd 
shiorruidh,  an  Dia-duine  a'  seasamh  anns  an 
aite  naomh  a'  guidhe  air  son  an  t-saoghaU. 

Cha  robh  doigh  anns  am  bu  choltaiche  Pol 
r'a  Mhaighstir  na  ann  an  eadar-ghuidhe, 
oifig  spioradail  anns  an  do  bhuanaich  e  gun 
sgur.  "  Tha  mi,"  ars'  esan  ri  eaglais  Philippi, 
"a'  cuimhneachadh  oirbh  ann  am  tirnuighibh 
uile,  le  gairdeachas  a'  deanamh  guidhe  air 
bhur  son."  Bha  e  mar  sin  do  gach  eaglais 
no  duine  eile  a  b'  aithne  dha.  Is  mor  a' 
chaob  a  bheireadh  tu  a  litrichean  Phoil  na'  n 
toireadh  tu  asda  na  h-iirnuighean  a  tha 
annta  as  leth  dhaoine  eile,  as  leth  nithean 
is  aobharan  a  bha  an  taobh  a  mach  d'a 
chuisean  pearsonta  fein. 

Gradh  braithreil. 

Le  bhi  a'  deanamh  eadar-ghuidhe  as  leth  a. 
cheile  tha  gradh  braithreil  air  a  neartachadh 
am  measg  Chriosduidhean,  anns  an  eaglais 
agus  anns  an  t-saoghal.  A  reir  gach  cunntais 
a  fhuair  sinn  bha  blaths  is  gradh  braithreil 
anns  an  eaglais,  ann  an  linn  nan  abstol, 
nach  'eU  innte  an  diugh,  agus  is  e  an  t-aobhar 
gu  robh  Criosduidhean  aig  an  am  sin  a' 
deanamh  sior  eadar-ghuidhe  air  son  a  cheile. 
Tha  e  eucomasach  do  dhuine  fuath  do  neach 
eile  altrum  'na  chridhe,  ma  tha  e  ag  urnuigh 
air  son  an  neach  sin.  Ma  bu  mhaith  leat  a  bhi 
ann  an  reite  ri  do  choimhearsnach,  agus 
deagh  rtin  a  bhi  agad  do  neach  air  bith 
nach  toigh  leat,  no  ris  am  bheU  farmad  no 
gamhlas  agad,  is  e  an  aon  doigh  air  do  dhroch 
cridhe  fein  a  thionndadh,  an  duine  sin  a 
chuimhneachadh  ann  ad  iirnuighean  aig 
cathair  nan  gr^s.  Agus  do  bhrigh  nach  'eil 
comunn  aig  Dia  ri  Belial,  no  aig  diadhaidh- 
eachd  ri  fuachd  is  naimhdeas  ;  do  bhrigh 
gur  e  toradh  an  Spioraid  Naoimh,  gradh, 
sith,  fad-fhulangas,  caomhalachd,  bithidh  do 
cridhe  fein  uigh  ar  n-uigh  air  iompachadh 
agus  air  a  dheanamh  farsuing,  gus  mu  dheir- 
eadh am  bi  faireachduinnean  criosdail  agus 
gradh  braithreil  agad  do'n  neach  ris  nach 
robh  thu  a'  gabhail  cuid  no  pairt  roimhe 
sin.  Agus  nach  mor  a  bheannachd  sin !  Ma 
tha  thu  a'd'  dhuine  tia's  fhearr,  ag  eirigh  o 
Iirnuigh,  na  bha  thu  an  uair  a  chaidh  thu 
air  do  ghltiinean,  nach  d'  fhuair  t'  iirnuigh 
eisdeachd  ! 

li«CCffiQUOQ\LE 

CLA9^0WV.kONDON 


Aireamh  9 


1940 


Crann  nam  buadh 

Tha  Dia  a'  moladh  a  ghraidh  fein  dhuinne,  do  bhrigh  an  uair  a  bha  sinn  fathasf  'n  ar 
peacaich  gu'n  d'fhuiling  Criosd  has  air  ar  son. —   RoM.  v.  8. 


BHO  chionn  mile  bliadhna,  seadh  bho  linn 
nan  abstol,  tha  daoine  glic  is  ionnsaichte  a' 
feuchainn  ri  thuigsinn  ciod  an  ceangal  a  tha 
aig  has  Chriosd  ri  maitheanas  peacaidh,  no 
ciod  an  seagh  anns  am  faodar  a  r^dh,  gur 
e  bas  Chriosd  clach-steidh  ar  creidimh  agus 
ar  barantas  gu'n  do  choisinn  e  dhuinn  reite 
ri  Dia.  Ach  ciod  air  bith  an  fhreagairt  a 
bheirear  do  na  ceistean  sin,  tha  so  fior  co  dhiii, 
nach  robh  agus  nach  'eil  cumhachd  eile  air 
an  t-saoghal  cho  laidir  ris  a'  chumhachd  a 
tha  anns  a'  chrann-cheusaidh.  Chan'eil  aig 
daoine  ach  a  dhealbh  fhaicinn  ri  taobh  an 
rathaid,  crois  a  chuireas  Calbhari  'n  an 
cuimhne,  agus  ni  e  maoth  cridheachan  a  tha 
cho  cruaidh  ri  cloich. 

Tha  smuaintean  dhaoine  mu  phuingean 
creidimh  agus  mu'n  aite  a  tha  aig  bas 
Chriosd  ann  an  obair  na  slainte  ag  atharrach- 
adh  o  linn  gu  linn,  ach  chan  ann  ann  an 
smuaintean  dhaoine  a  tha  cumhachd-tearn- 
aidh  ach  ann  an  crann  nam  buadh  e  fein. 
Ann  an  stri  am  beatha  agus  aig  uair  am  bais 
togaidh  daoine  an  suilean  ris  a'  chrann  sin, 
oir  tha  iad  a'  faicinn  ann  lamhan  Dhe  sinte 
a  mach  ann  an  gradh,  a'  beannachadh  a 
chloinne  agus  a'  gul  os  an  cionn.  An  neo- 
ni  e  dhuibhse,  o  sibhse  uile  tha  gabhail 
seachad  ?     amhaircibh    agus  faicibh   a    bheil 


doilgheas  sam  bith  cosmhuil  ri  mo  dhoilgheas- 
sa,  deir  an  Tighearna. 

Tha  Dia  a'  dearbhadh  a  ghraidh  dhuinne 
do  bhrigh,  an  uair  a  bha  sinn  fathast  'n  ar 
peacaich,  gu'n  do  bhasaich  Criosd  air  ar 
son.  Chan  urrainn  daoine  teagamh  a  chur 
ann  an  cumhachd  Dhe  no  ann  an  gliocas  Dhe 
oir  tha  cumhachd  is  gliocas  an  Tighearna  air 
an  sgriobhadh  air  aghaidh  na  talmhainn  ; 
anns  na  creagan,  agus  anns  na  neamhan,  cho 
soilleir  's  gur  leir  do  gach  suil  iad.  Ach 
tha  e  furasda  gu  leoir  do  dhaoine  teagamh 
a  chur  ann  an  gradh  Dhe  oir  chan'eil  fianuis 
a'  chruthachaidh  idir  cho  soilleir  uime  sin. 
An  dara  uair  saoilidh  tu  gu  bheil  an  cruth- 
achadh  ag  innseadh  gu  bheil  baigh  is  gradh 
is  caomhalachd  ri  cloinn-daonna  ann  an 
cridhe  a'  Chruithfhir,  ach  an  uair  eile  saoilidh 
tu  gu  bheil  an  cruthachadh  ag  radh  gur  coma 
leis  a'  Chruithfhear  co  dhiu  a  tha  cridh- 
eachan chloinn-daonna  sona  no  leonta,  no  co 
dhiu  a  roghnaicheas  iad  f ireantachd  no  eucoir. 
Mar  sin  thug  Dia  comharradh  cinnteach  do'n 
t-saoghal  air  a  ghradh  siorruidh  fein,  crann- 
ceusaidh  a  mhic. 

Cia  an-mhdr  trocair  Dhia  nan  gras  : 

Cia  pailt  a  ghradh  is  'iochd, 
A  thug  a  mhac  mar  iobairt  suas, 

A  dh'  fhulang  truaigh  'n  ar  r iochd. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Daibhidh  MacDhonnchaidh. 

BHA  moran  Ghaidheal,  gu  sonraichte  an  He 
agus  an  Dim-eideann,  duilich  a  chluinntinn 
gu'n  do  shiubhail  an  duine  coir  so  ann  an 
Craoibh  o  chionn  ghoirid.  Bha  e  tri  fichead 
's  a  deich. 

Rugadh  an  He  e  ;  bha  e  air  oUeanachadh 
an  Glaschu  agus  an  Dim-eideann,  agus  thug 
Cleir  Mhuile  cead  searmonachaidh  dha  an 
1897.  An  deidh  dha  bhi  greis  'n  a  fhear- 
cuideachaidh  an  Cinn-chardain,  an  sgir  Obar- 
neithich,  bha  e  air  a  shuidheachadh  an 
Uidhist  a  Deas  an  1900  ;  a  Uidhist  chaidh 
e  do  eaglais  an  Naoimh  Tomas  an  1908  ;  a 
Glaschu  chaidh  e  do  Dhun-tochar,  an  Cleir 
Dhun-Breatunn  an  1913,  agus  ceithir  bhadhna 
'n  a  dheidh  sin  chaidh  e  do  North  Esk,  dliith 


air  Dim-eideann,  far  an  do  shaothraich  e  gus 
an  do  shiubhail  e. 

Bha  e  posda  da  uair,  is  dh'  fhag  e  teaghlach 
'n  a  dheidh,  da  mhac  tha  mi  an  diiil. 

'Na  phearsa  bha  e  'n  a  dhuine  eireachdail, 
mor  agus  fuasgailte  agus  du"each,  agus  bha 
e  a  cheart  cho  gasda  'n  a  nadur.  Cha  robh 
aige  ach  seasamh  air  ard-tirlar  aig  coinneamh 
Ghaidhealach  air  bith  agus  thigeadh  gean 
air  a  chuideachd  cho  luath  's  a  chitheadh 
iad  am  flath  a  bha  air  aodann.  Bha  e  'na 
fhior  Ghaidheal,  eudmhor  anns  gach  ciiis  a 
bhuineadh  d'ar  tir  no  d'ar  canain,  agus 
bithidh  ionndrainn  air  ann  an  iomadh 
Comunn  Gaidhealach  an  Dim-eideann  anns 
an  robh  e  'n  a  thaic  agus  'n  a  chomhairliche 
maith. 


AIG  AN  UINNEIG— LITIR  GAISGICH  GU  A  MHATHAIR 


Cha  do  chuir  Daibhidh  MacBhonnchaidh 
a  mach  air  duine  eile  riamh  ;  bha  e  cho 
suairce  agus  cho  reidh  'n  a  nadur  's  gu'm 
fasadh  daoine  cas  sitheil  'n  a  chuideachd  a 
dh'  aindeoin  an  cridhe.  Cha  do  leig  e  riamh 
le  ro-chtiram  no  usaid  a  shith  no  a  shocair 
a  inhnieadh  ;  cha  mho  a  bhiodh  a  shuU 
daonnan  air  an  uaireadair  an  uair  a  bhiodh 
e  fein  no  neach  eile  a'  seanchas,  ach  mur 
robh  suim  aige  do'n  uaireadair  bha  suim 
aige  do  nithean  as  fhearr,  companas  agus 
braithreachas  agus  caidreamh  blath. 

Cha  b'e  a  shearmonachadh  no  a  thalantan 
a  choisinn  dha  gean-maith  mhinistearan  eile, 
no  am  meas  a  bha  aig  a  choimhthional  fein 
air,  ach  an  cridhe  blath  agus  a'  ghne  uasal 
a  bha  ann  gu  nadurra.  Duine  gaolach  reidh  ; 
gun  cheilg,  gun  chabhaig,  gun  gho,  b'e  sin 
Daibhidh  MacBhonnchaidh. 

Sedras  Marjoribanks,  an  Sonachan. 

Ged  nach  bu  Ghaidheal  Seoras  Marjoribanks 
a  thaobh  a  dhuthchais  bha  a  leithid  de  ghaol 
aige  air  ar  diithaich  agus  air  ar  canain  's 
gu'm  bu  mhaith  leam  a  chuimhneachadh  gu 


blath  air  an  duilleig  so.  Fior  dhuin-uasal  a 
bha  gaolach  agus  treibhdhireach  'n  a  nadur, 
gun  mheud-mhor  no  spagadagliog,  agus  cho 
seasmhach  'n  a  fhacal  ri  Cruachan. 

Chuir  e  seachad  a'  chuid  mhor  d'a  bheatha 
anns  na  h-Innsibh  an  Ear,  ach  an  uair  a  leig 
e  dheth  obair,  agus  a  rinn  e  a  chomhnuidh 
anns  a'  Ghaidhealtachd,  chuir  e  roimhe  gu'n 
ionnsaicheadh  e  Gaidhhg,  agus  an  iiine  ghoirid 
labhradh  is  sgriobhadh  e  Gaidhlig  cho  maith 
's  gu'n  saoileadh  tu  gu  robh  i  aige  riamh. 
Tha  gu  leoir  de  dhaoine  leis  am  bu  toil 
Gaidhhg  a  bhi  aca  ach  leis  nach  toil  dragh 
no  saothair  a  ghabhail  'g  a  h-ionnsachadh, 
ach  dhearbh  Seoras  Gallda,  mar  theireadh 
e  ris  fhein,  gu  robh  gaol  aige  air  a'  Ghaidhlig 
leis  an  an  t-saothair  a  ghabh  e  'g  a 
h-ionnsachadh. 

Bithidh  ionndrairm  againn  uUe  air  an 
duine  ghrinn  so,  ach  bithidh  ionndrainn  as 
mo  air  anns  a'  Chomunn  Ghaidhealach  agus 
am  measg  "  Clann  an  Fhraoich."  Tha 
aobhar  aig  a  "  chloinn  "  a  bhi  a'  caoidh  an 
athar,  oir  bha  iad  dha  mar  anail  a  bheatha. 


Litir  Gaisgich  gu  a  Mhathair 

{Air  a  tionndadh  gu  Gaidhlig  leEachann  MacDTiiighaill,  an  Glaschu) 


BHA  an  Htir  a  tha  air  a  foiUseachadh  an 
Gaidhhg  an  so  air  a  sgriobhadh  le  gille  6g  a 
bha  am  Feachd-adhair  an  Righ  anns  a' 
chogadh  a  tha  a'  dol  air  aghaidh  an  ceartair. 
Sgriobh  e  i  an  uair  a  bha  e  gun  chnead  gun 
dochunn,  le  inntinn  bhreithneachail,  steidheil, 
a'  cath  as  leth  a  dhtithcha.  Is  ann,  mar  a 
chithear,  gu  a  mhathair  a  bha  i  air  a 
sgriobhadh  ;  ach  cha  do  chuir  e  chuice  i 
aig  a'  cheart  am  anns  an  d'thainig  i  bho  a 
laimh.  An  aite  sin  dh'fhag  e  ordugh  is 
seoladh  gu'm  biodh  i  air  a  cur  'na  laimh 
na'm  b'e  agus  gu'n  cailleadh  esan  a  bheatha 
anns  a'  bhlar. 

Bho  chionn  beagan  tiine  air  ais  fhuaras 
farbhais  bho  Riaghaltas  an  Fheachd  Adhair 
gu'n  robh  an  gUle  so  gun  sgeul-mhaireann 
air,  agus  gur  docha  gu'n  do  chaiU  e  a  bheatha 
anns  an  stri ;  agus  mar  sin,  a  reir  an  orduigh 
a  rimaich  e  fein,  chaidh  an  htir  a  dh'fhag 
e  a  chur  gu  a  mhathair.  Chaidh  an  sin  a 
foiUseachadh  anns  a'  phaipear  naidheachd, 
an  "  Times,"  agus  is  coltach  gu'n  do  tharruing 
i  mor  aire,  le  buadh  anabarrach  aig  a  briath- 
rachas  air  na  leugh  i,      Chaidh  eadhon  a 


foiUseachadh  am  paipearan  eile  'na  dheidh 
sin  ;  agus  tha  i  an  so  a  nis  air  a  toirt  am 
foUais  ann  an  Gaidhlig,  oir  tha  sinn  am 
beachd  gu  bheil  smuaintean  innte  is  cinnteach 
a  ruigeas  cridheachan,  agus  a  thig  a  reir 
inntinnean  iomadh  mathar  eile,  parantan  an 
coitcheannas  cho  math  ri  cairdean  eile  a 
dh'fhag  iadsan  a  thuit  anns  a'  bhlar  'nan 
deidh.    So  agaibh,  mata,  an  litir. — 

"  A  Mhathair  Ghr^dhach, — Ged  nach  'eil 
mise  a'  toirt  fa-near  aon  smuain  no  dull  air 
droch  ni  sam  bith  a  bhi  anns  an  dan  dhomh 
aig  an  am,  tha  mi  a'  faicinn  gu  bheil  atharr- 
aichean  is  gluasadan  a'  tighinn  oirnn  cho 
ealamh  agus  gu  bheil  mi  a'  gabhaU  eala  air 
an  litir  so  a  bhi  air  a  cur  chugaibh  ma's  e 
agus  gu'm  faod  e  tachairt  nach  tiU  mi  bho 
aon  no  aon-eigin  eile  de  na  cuairtean  adhair 
anns  am  bi  sinn  ag  gabhaU  cuis  an  iiine 
ghearr.  An  deidh  dhuibh  an  litir  so  fhaotainn 
'n  ur  laimh  feumaidh  sibh  bhur  dochas  a 
ghleidheadh  beo  fad  miosa  ;  ach  aig  deireadh 
na  h-iiine  sin  faodaidh  sibh  a  ghabhaU  gu 
cridhe  gu'n  do  dh'aisig  mise  mo  dhleasnas 
do  lamhan  coUionta  mo  chompanach  anns 


LITIR  GAISGICH  GU  A  MhXtHAIR 


an  Fheachd  Rioghail  Adhair,  eadhon  mar  a 
rinn  iomadh  sonn  suairce  a  bh^rr  onn 
mar  tha. 

Anns  a'  cheud  aite,  is  cinnteach  mi  gu'm 
bi  e  'na  mhor  chomhfhurtachd  dhuibhse  fios 
a  bhi  agaibh  gu'n  robh  dleasanais  arda  an 
earbsa  riumsa  anns  a'  chogadh  so.  Chuidich 
na  buidhnean  anns  an  robh  mi  am  mach 
anns  a'  Chuan  Thuathach  ann  a  bhi  a' 
gleidheadh  nan  sHghean  malairt  fosgailte  do 
ar  kiingeis  is  do'n  chabhlach-mhara  ;  agus 
air  aon  tarruing  dhearbh  an  fhorbhais  a  bha 
sinn  comasach  air  a  sholar  a  bhi  'na  mheadhon 
air  beatha  dhaoine  a  thearnadh  ann  am  bata- 
freasdail  nan  tighean-soluis  a  bha  air  a  cur 
bho  fheum. 

Ged  a  tha  lan-fhios  agam  gu'm  bi  an  ni  sin 
duiHch  dhuibhse  a  dheanamh,  dh'aslaichinn 
oirbh  a  nis  a  ghabhail  gu  cridhe  gu'n  cuireadh 
e  campar  ormsa  a  bhi  a'  smaoineachadh  gu'n 
sealladh  sibhse  air  ciiisean  mar  a  thig  iad 
mu'n  cuairt  an  doigh  sam  bith  eile  ach  le 
inntinn  shuidhichte  ;  oir  bithibh  cinnteach 
gu'n  dean  mise  mo  dhleasanas  cho  fada  's 
a  bhios  sin  'n  am  chomas  :  chan  'eil  aon  ann 
is  urrainn  an  corr  a  dheanamh,  agus  cha 
mho  is  Ian  dhuine  esan  leis  am  foghainn 
na's  lugha. 

Bha  meas  mor  agam  riamh  air  bhur  n-ard 
mhisneach  ann  a  bhi  a'  cur  aghaidh  air  gach 
cnap-starra  a  thigeadh  'n  ur  rathad,  an 
doigh  anns  an  d'thug  sibh  dhomhsa  sgoil  is 
ionnsachadh  cho  deas  's  a  bha  air  a  luigh- 
easachadh  do  aon  eile  anns  an  diithaich  ; 
agus  fad  na  h-uine  sibh  ag  cumail  suas  bhur 
cinn  fein  de'n  amal  gun  bhur  n-earbsa  no 
bhur  dtiil  a  chall  a  thaobh  an  ama  a  bha 
ah'  thoiseach  oirnn.  Ach,  ged  tha,  na  saoilibh 
gu  bheil  mo  bhas-sa  a  nis  a'  ciallachadh  gu'n 
robh  bhur  stri  as  mo  leth  gun  sta !  Is  fada 
bhuaith  sin  e.  Is  ann  a  tha  e  a'  ciaUachadh 
gu'n  robh  am  fein-aicheadh  a  rinn  sibhse 
eadhon  co-ionnan  ris  na  rinn  mise  as  leth 
mo  dhiithcha.  Is  e  mo  shar-bheachd  nach 
bu  choir  gu'm  biodh  siiil  aon  sam  bith  a 
dh'iocas  ni  air  sgath  a  dhiithcha  ri  duais  a 
thighinn  'na  chois  :  tha  sinn  a'  call  ar  meas 
oirnn  fein  mur  'eil  sinn  a'  sealltainn  au"  ar 
diithaich  air  mhodh  na's  airde  na  mar  ionad 
anns  an  ith  is  an  caidil  sinn ! 

Tha  sinn  an  diugh  le  ar  n-aghaidh  ris  an 
teugmhail  is  an  diibhlain  as  dobhaidh  a  sheas 
riamh  far  comhair,  is  sin  bho  namhaid  a 
dh'eu'ich  gu  cath  a  chur  ruinn  le  aonachas 
a  tha  ana-cneasda,  agus  gu  coicheid  a  chur 
air  a'  chreideamh  Chriosdaidh  is  gach 
calachadh  a  rinn  an  cinne-daonna  bho'n  a 


chruthaicheadh  an  saoghal ;  agus  tha  mise 
'g  am  chunntas  fein  an  ceum  an  rath  ann  a 
bhi  aig  aois  duinealais  is  lan-uidheamaichte 
gus  mo  neart  a  thoirt  do'n  stri  air  taobh  a' 
cheartais.  Agus  an  so,  mar  an  iomadh  seol 
eile,  tha  mo  bhuidheachas  agaibhse  a  dh'aiseig 
dhomh  is  a  chuir  fo  m'  chuimrig  an  comas  sin. 

Ach  fathast  tha  an  tuiUe  saothair  ri  a 
tagar  bhuaibhse.  Tha  an  dachaidh  r'a 
cumail  gun  bheum  is  gu  laidir  air  a  bunait, 
agus  aonaichte  re  nam  bliadhnachan  a  tha 
air  thoiseach  oirnn  an  deidh  do'n  bhuaidh- 
laraich  a  bhi  air  a  toirt  a  mach  anns  a'  chogadh. 

A  dh'aindeoin  gach  ni  a  thehear  'na 
aghaidh,  is  e  mo  bheachd-sa  gu  bheil  fheum 
fein  anns  a'  chogadh.  Tha  an  comas  aig 
gach  aon  fa-leth,  co-ionnan  ris  na  martaraich 
bho  shean,  gu  seasamh  suas  le  a  bheatha  'na 
laimh,  agus  as  leth  a'  cheartais  an  aghaidh 
an  droch  cumhachd  so  a  thiiirling  oirnn. 
Agus  ciod  air  bith  cho  fada  'g  am  bi  an  iiine 
gus  an  crath  sinn  dhinn  an  cumhachd  so  a 
leum  oirnn,  tha  aon  ni  nach  gabh  atharrach- 
adh,  agus  is  e  sin  gu  bheil  mo  bheo  agamsa 
mar  Bhreatannach  ;  agus  coinnichidh  mi  ri 
m'  bhas  anns  an  spiorad  sin.  Chan  fhiach 
dad  eile  tromp  gun  teanga,  agus  chan 
atharraich  e  ni ! 

Chan  'eil  math  dhuibh  a  bhi  ri  bron  'g  am 
thaobh,  oir  ma  tha  sibh  a'  creidsinn  anns  an 
diadhachd  agus  gach  ni  a  tha  ar  creideamh 
a'  ciallachadh  dhuinn,  chan  'eil  ann  aicheadh 
air  brigh  ar  beachdan.  Chan  'eil  eagal  sam 
bith  ormsa  roimh  an  bhas  ;  is  ann  a  tha 
nadur  de  thogail  inntinn  is  de  fhiughair  air 
coir  a  ghabhail  air  m'aigne,  agus  chan 
iarrainn  a  bhi  an  atharrachadh  beachd. 
Tha  an  cruthachadh  is  an  cruinne-ce  cho 
farsuing  agus  cho  aos-lathach  agus  nach  'eil 
ach  aon  aobhar  air  gu'm  biodh  duine  a' 
faotainn  cothrom  air  a  bhi  beo  idir,  agus  is 
e  sin  am  feum  a  ni  e  dhe  fein,  is  an  doigh 
anns  an  iobair  e  suas  a  bhith  air  sg^th 
ceartais.  Tha  sinn  air  ar  suidheachadh  anns 
an  t-saoghal  so  gu  a  bhi  a'  faotainn  bith  is 
shubhailcean,  agus  gu  ar  cuid  fein  a 
dheanamh  dhiubh  a  chum  is  nach  gabh 
iad  toirt  bhuainn.  Chan  'eil  iadsan  a  tha 
dkeach  ag  itheadh  's  a'  cadal,  a'  faotainn 
air  an  aghaidh,  is  a'  gintinn  an  gne  fein  gu 
sitheil,  gun  dragh  air  an  t-saoghal,  agus  gun 
an  corr  ach  sin,  ach  mar  na  h-ainmhidhean 
is  briiidean  na  machrach. 

Tha  mi  de'n  lan-bheachd  is  de'n  chimit- 
bheachd  gu  bheil  an  t-olc  au-  a  chur  do'n 
t-saoghal  gu  ar  dearbhadh,  gu  bheil  e  air  a 
chur  a  dh'aon  riin  leis  a'  Chruitheir  ail'  a' 


LITIR  GAISGICH  GU  A  MHATHAIR 


cheann  shonraichte  so,  a  chionn  gur  aithne 
dhasan  gu  bheil  ar  dearbhadh  mar  so  gu  ar 
math.  Tha  am  Biobull  loma-lan  de  eise- 
amplairean  air  far  a  bheil  an  doigh  f  hurasda 
gu  faotainn  am  mach  a  staing  air  a  tilgeadh 
an  leth-taobh,  agus  an  t-slighe  a  tha  ceart, 
ach  duilich,  air  a  roghainn  air  sgath 
fireantachd. 

Tha  mi  'g  am  chunntas  fein  fortanach  ri 
linn  is  gu'n  d'fhuair  mi  sealladh  air  moran 
de'n  tir  so,  agus  gu'n  d'fhuair  mi  eolas  air 
daoine  de  gach  ceird  is  inbhe.  A  nis,  lets  an 
uidheamachadh  a  rinn  an  cogadh  air  m'aigne 
mar  cheann-finid  do  m'oileanachadh,  tha  mi 
am  beachd  gu  bheil  mi  air  mo  lan-fhoghlum. 
Mar  sin,  eadhon  aig  an  aois  aig  a  bheil  mi, 
tha  erioch  mo  dhleasanais  anns  an  t-saoghal 
so  anns  an  amharc  ;  agus  tha  mi  deas  air 
cheann  bais — ma's  e  sin  mo  dhan — gun 
aithreachas,  gun  mo  shtiil  am  dheidh  ach 
air  aon  aobhar  a  mhain.  Is  e  sin  nach  do 
luigheasaicheadh  dhomh  a  bhi  air  m'fhagail 
gu  bhur  laithean  deireannach  fein  a  bhi 
beagan  na  b'fhasa  dhuibh  le  mi  a  bhi  'nur 
comunn  is  'nam  chul-taic  dhuibh  ann  am 
feasgar  bhur  la.  Ach  bidh  a  nis  bhur  beatha 
saor  dhuibh,  agus  bidh  sith  agaibh  ;  agus 
anns  an  t-suidheachadh  sin  anns  a  bheil 
sibh,  bha  mise  rud  beag  'n  am  mheadhon 
air  sin  a  bhi  mar  bheannachadh  agaibh. 
Chan  'eil  an  corr,  a  nis,  bhuam  ;  agus  mar 
sin  cha  robh  mo  chuairt  anns  an  t-saoghal 
idir  gun  sta. 

Bhur  Mac  Gradhach." 

Sin  agaibh,  mar  a  tha  mise  a'  creidsinn, 
smuaintean  diomhair  cridhe  mic — gaisgeach 
gu  chul,  ri  aghaidh  blair.  Is  e  gille  Sasunnach 
a  bha  ann,  aon  de  iomadh  mile  eile  a  bha 
is  a  tha  a'  cath  anns  an  stri ;  agus  tha  a' 
mhacraidh  Albannach  againn  fein  uasal  as 
an  luigheasachadh  a  rinneadh  dhoibh  seasamh 
ri  an  taobh-san  as  leth  a'  cheartais.  Seadh, 
sin  agaibh  smuaintean  cridhe  a'  mhic 
Shasunnaich  ;  agus  gus  an  dealbh  a  tha 
mise  a'  feuchainn  ri  a  tharruing  a  chur  fo 
bhur  comhair-se  'na  lanachas,  nach  faodainn, 
a  nis,  smuaintean  na  mathar  Ghaidhealaich, 
le  a  mac  fein  a'  tarruing  gu  blar,  a  chur  sios 
maille  ris  an  litir  ud.  Chan  fhios  domhsa  c6 
a'  mhathair  a  bha  an  so,  c'  uin  a  bha  i  beo, 
no  ciod  am  blar  ris  an  robh  a  macan  a' 
cuimseachadh  a  cheuma  ;  ach  tha  dochas 
againn  gur  ann  as  leth  duinealais  is  air 
taobh  a'  cheartais  a  bha  e  air  ti  a  lann  a 
tharruing. 


ACHAN  MATHAR  ROIMH  AN  CHATH 

( Laoidh  a  fhuair  am  fear  nach  maireann, 
Alasdair  MacGhille  Mhicheil,  an  ait-eigin.) 

"  Tha  an  iiibhrach  's  a'  chuan,  a  ghraidh  ; 

Tha  an  traigh  Ian  de  m'  dheoir  ; 
Tha  Cnoc  na  Faire  'na  ghual,  a  ghraidh, 
Tha  farum  nan  ramh  'san  6b. 
Am  fear  nach  tiU,  a  ghraidh, 

cha  bheo,  cha  bheo ! 
Am  fear  nach  till,  a  ghr^dh, 
cha  bheo,  cha  bheo ! 

Tha  sair  'nan  siubhal,  a  ghraidh, 

Mar  ghairich  nan  tonn  ; 
Is  balbh  an  tuiream,  a  ghraidh, 
Is  ard  am  fonn  ; 

'S  mur  till  thu  tuillidh,  a  ghraidh, 
is  geal  bas  nan  sonn. 

Cha  bhi  mathair  mo  mhic  's  an  streup, 

Ach  bidh  Mathair  Mhic  Dhe  's  an  streup ! 
0,  a  Mhathair  nan  gras, 

Fhuair  do  Mhac-sa  tair  agus  teum  : 

Na  leig  air  macan  mo  ghraidh 

lapan  am  blar  nam  beum  ! 

Cha  bhi  athair  mo  luaidh  'san  ar, 

Ach  bidh  Athair  nam  Buadh  'san  ^r. 
O,  Athair  na  caoimh, 

Air  sgath  do  Mhic  Naoimhe  Cheusd', 
Na  leig  air  gineamhuin  mo  chuim 
masladh  air  luim  an  eig  ! 

Cha  bhi  comhdhalta  m'ogain  'sa'  bhlar, 

Ach  bidh  Comhdhalt'  nan  onrach'  sa'  bhlar. 
0,  losa,  a  Mhic  mo  Dhe, 
Ort  fein  rinneadh  an  tair  : 

Na  leig  air  muinghinn  mo  chleibh 
reubadh  am  beum  nam  blar ! 

Cha  bhi  Brianag  mo  riiin  's  an  triall, 

Ach  bidh  Spiorad  an  iuil  'san  triall. 
0,  a  Spioraid  Naoimh  na  treoir, 
A  lochrain  foil  nam  fial, 

Na  leig  air  ionmhuinn  mo  chro 
Bhi  'na  dhallaran-ceo  'san  triall ! 


Dh'fhalbh  thu,  a  mhacain  mo  ghraidh, 

Tha  do  dhan  an  sgail  an  sgeo  ; 
Tha  reul  na  h-oidhche  fo  smal,  a  ghraidh, 
Tha  Caoineag  nan  earn  fo  bhron. 

Ma's  bas  dhuit,  a  leanaibh  mo  ghraidh, 
biodh  do  chadal  air  laimh  na  h-Oigh  ; 
Ma's  bas  dhuit,  a  leanaibh  mo  ghraidh, 
biodh  do  chadal  air  laimh  na  h-Oigh  !  " 


Sceillig  Mhicheil 

Le  Calum  MacOilleathain,  M.A.,  anns  an  Toisigheachd 


SO  aon  de  fhior  eileanan  iomallach  a'  chuain 
a  tha  mu  astar  mile  a  mach  o  Cheann 
Bholais  an  Ibh  Rathach  air  fior  cheann  an 
iar-dheas  Eireann.  Ach  tha  da  eilean  araid 
ann,  an  Sceillig  Mhor  agus  an  Sceillig  Bheag. 
Chan  'eil  's  an  Sceillig  bhig  ach  staca  lorn 
corrach  builleach,  agus  ged  nach  'eil  moran 
talaimh  air  an  Sceillig  Mhoir  chan  'eil  i  idir 
cho  beag  lorn  sin.  Agus  is  ann  air  an  eilean 
is  motha  tha  a'  chunntais  bheag  so  agam. 
Comhnard  farsuinn  aite  air  barr  togte  calaid 
creige. 

Chan  'eil  fhios  agam  de  a  b'aobhar  dha 
ach  tha  eileanan  beaga  creagach  an  caochladh 
aiteachan  air  corsa  an  iar  na  h-E6rpa  air  an 
ainmeachadh  air  Micheal.  Tha  iad  so  an 
Eirinn  ann,  tha  carraig  eile  de  eilean  aca  air 
ceann  an  iar-dheas  Shasuinn,  an  Cornual  ; 
tha  a  samhuil  eile  air  cladach  Frangach,  agus 
a  samhuil  eile  air  cladach  Eadailteach.  Chan 
'eil  fhios  agam,  ach  a  reir  coltais  bha  na 
h-aiteachan  ud  ainmeil  mu'n  robh  iad  riamh 
Criosdail.  Is  docha  gur  e  an  t-Ard-aingeal 
Micheal  a  tha  's  an  ainm.  Cionnus,  ma  ta, 
a  thigeadh  a  leithid  de  ainm  chuca  uile  ? 
Co  is  urrainn  a  radh  ?  Ach  chan  'eil  teagamh 
nach  robh  eolas  glan  aig  maraichean  Thiruis 
agus  Shidoin  agus  aig  an  sliochd,  is  e  sin  na 
Phoenicich  agus  na  Cartagaich,  air  na 
cladaichean  so  againne  air  a  bheil  na 
h-ainmeannan. 

Aitean  aoraidh. 

Tha  eachdraidh  na  h-Iar-E6rpa  againn  's 
na  sgoilean  a'  toiseachadh  gu  ro-mhinic  le 
teachd  nan  Romanach  agus  le  lulius  Caesar, 
ach  tha  fhios  againn  gu'n  robh  am  Muir 
Meadhoin,  agus  eadhon  iomallan  a'  Chuain 
Shiar,  fo  na  raimh  aig  seorsachan  eile  dhaoine 
mu'n  do  thogadh  riamh  ramhach  's  an  Roimh. 
Faodaidh  e  bhith,  ceart  gu  leoir,  gu'n  robh  na 
h-eileanan  creagach  iomallach  aig  maraichean 
air  tiis,  mar  a  tha  iad  aca  cheana  fhein,  'n  an 
comharran  's  'n  an  treoir  's  iad  a'  seoladh 
thairis.  Tha  tigh-soluis  maith  air  Sceillig 
Mhicheil  a  nis,  fear  cho  feumail  agus  a  tha 
air  cladach  Eireannach,  agus  tha  amharus 
agam  fhein  nach  ann  'na  ni  tur  ur  a  tha  solus 
na  SceiUige.  Agus  is  docha,  a  ris,  gu  bheil 
comh-cheangal  eadar  sin  agus  ni  eile,  gu'n 
robh  an  Sceillig  Mhor  'na  aite  aoraidh,  cian 
roimh  linn  Phadraig.  Tha  ni  eigin  de 
ionghnadh  agus  de  uamhann  an  taice  ri 
seaUadh  aite  mar  an  Sceillig,  agus  bu  chruaidh 
an  cridhe  air  nach  cuireadh  araon  an  Sceillig 
agus  laraichean  loma  eile  fas  a  dh'fhag  na 
Draoidhean  an  Ciarraighe  an  Eirinn  smuain. 


An  sud  feadh  cheudan  bliadhna  bha  daoine 
cho  dliith  air  a'  Chruithfhear  agus  a  bheireadh 
na  nithean  a  tha  faicsinneach  iad  ;  mor- 
dhalachd  is  neart  nan  sleibhtean  ;  farsuinn- 
eachd  is  meud  a'  chuain  ;  aonaranachd  is 
airde  is  tearmunn  binn  cuan-eilean  air  a 
chuairteachadh  air  gach  taobli  le  creagan 
cruaidhe  ag  eirigh  o  dhoimhne  an  dubh- 
aigein,  agus  a'  toirt  an  diibhlain  do  ionn- 
saighean  garbha  borba  a'  Chuain  shiar  air 
nach  tig  clos.  Co  is  urrainn  a  radh  nach 
robh  daoine  'n  am  measg  sud,  iomallach  agus 
aineolach  air  moran  a  tha  aig  clann  na  sgoile 
bige  nis  agus  mar  a  bha  iad,  a  thainig  a 
steach  fo'n  fhacal  aig  Pol.  agus  e  sgriobhadh. 

"  Oir  riamh  o  chruthachadh  an  t-saoghail 
tha  a  nithe-san  nach  faodar  fhaicinn,  eadhon 
a  chumhachd  siorruidh,  air  am  faicinn  gu 
soilleir,  air  dhaibh  bhith  so-thuigsinn  o  na 
nithean  a  rinneadh."  "  Ach  anns  gach  uile 
chinneach  tha  an  neach  air  a  bheil  eagal-san, 
agus  a  tha  ag  oibreachadh  fireantachd, 
taitneach  dha." 

Ach  thainig,  a  reir  a'  gheallaidh,  "  Solus 
Mor,"  agus  fhuair  sliochd  na  draoidheachd 
eolas  air  "  Gloir  Dhe  an  gniiis  losa  Criosd," 
agus  ri  linn  Phadraig  dh'iompaicheadh 
Gaidheil  na  h- Eireann  gu  Criosd.  Bha 
aiteachan  ann  bu  luaithe  a  thionndaidh  na 
a  cheile,  agus  is  docha  nach  robh  An  Sceillig 
air  an  aite  bu  luaithe,  ach  thainig  "  muinntir 
na  carraige  "  gu  bhith  seinn  cliu  an 
t-Slanuigheir  le  an  uile  chridhe,  agus  thainig 
an  Sceillig  gu  bhith  iomraiteach  's  an  Eaglais 
Eireannaich.  Ghabh  na  manaich  aite  nan 
draoidhean.  Bha  mu  thri  acraichean  de 
thalamh  reidh  air  an  fhior  mhullach  agus 
e  uair-eigin  'n  a  thalamh-aitich,  ach  is  docha 
gur  ann  a  tir-mor  a  bha  a'  mhor-roinn  de  am 
beo-shlaint  a'  tighinn.  Cha  robh  an  tir  sin 
fad  air  falbh  ;  agus  cha  robh  iasg  na  mara 
ach  mu  na  creagan  an  comhnuidh.  Tha 
fior-uisge  ri  fhaotainn  an  tobraichean  air  an 
fhior  mhullach. 

Tha  an  Sceillig  Ian  de  sheann  laraichean, 
cuid  aca,  reir  coltais,  na  's  sine  na  linn  na 
Criosdachd  ;  laraichean  bhothan  ;  laraichean 
chaibeal ;  larach  manaistir  ;  agus  clachan 
aig  am  biodh  naidheachd  da  riribh  na'n 
gabhadh  i  sgriobhadh.  Tha  clach  ann  agus 
bhithte  a'  dortadh  f  ion  aon  uair  'sa'  bhliadhna 
oirre  ;  agus  tha  mi  an  dull  nach  b'ann  's  an 
t-soisgeul  a  fhuaireadh  an  cleachdadh  sin, 
agus  tha  mi  an  diiil  gu'n  robh  an  cleachadadh 
sin,  ged  is  e  bainne  chruidh  bu  trice  bhiodh 
aig  daoine,  a'  dol  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
's  gach  linn,  agus  cha  d'  rachainn  an  urras 


6 


SCEILLIG  MHicHEIL—AN  TIGH  MOR  NAN  UISEAG 


nach  'eil  e  deante  fhathast,  ged  nach  'eil 
fhios  aig  daoine  car  son.  Is  e  p^irt  de'n 
t-seann  aoradh  phaganach  a  bha  ann.  Agus 
bha,  agus  tha,  tuilleadh  dlieth  ann.  Sin  aon 
ni  bha  duilich  cur  as  da  gu  tur,  gu  h-araid  an 
uair  a  ghlac  a'  Chriosdachd  seann  ionadan 
aoraidh  nan  draoidhean. 

An  turns. 

Tha  ni  aca  an  Eirinn  gu  ruige  so  air  a 
bheil  "  an  Turus  "  aca.  Bha  sin  cumanta 
riamh  an  iomadh  crabhadh  ge  b'  e  air  bith 
de  an  t-ainm  a  bhiodh  air.  Is  e  an  turus  is 
iomraidiche^'s  an  t-saoghal  an  diugh  an  turus 
aig  kichd-leanmhainn  Muhamaid  gu  Mecca. 
Is  iomadh  seoladair  Gaidhealach  a  dh'inn- 
seadh  duinn  an  t-amhghar  a  tha  aig  daoine 
dubha  is  buidhe  dheth  a'  dol  'n  am  miltean 
mile,  agus  cuid  aca  air  faii'ge  stoirmeil,  feuch 
an  ruig  iad,  aon  uair  de  am  beatha,  priomh- 
chathair  an  crabhaidh.  Tha  fhios  againn 
gu'm  bu  ni  coitchionn  so's  a'  Chriosdachd  's 
an  mheadhon-linn.  Tha  cuimhne  againn  air 
mar  a  bhiodh  daoine  a  Albainn,  mar  sin,  a' 
dol  gu  lerusalem  agus  air  mar  a  dh'fhairtlich 
sin  air  Brus.  Tha  cuimhne  againn  air  an 
iomradh  a  dh'fhag  Chaucer  air  an  turus  gu 
Canterbury.  Chan  'eil  na  turusan  sin  ann, 
mar  sin,  's  an  Eaglais  Phrostanaich,  agus 
tha  mi  an  duU  nach  'eil  an  call  mor  ;  tha  e 
cho  furasda  iodhol-aoraidh  a  dheanamh  de 
aite  agus  a  tha  e  dheanamh  de  ni  eUe  ;  agus 
is  e  an  t-Abstol  Pol  a  thuirt  am  facal  deiridh 
mu'n  iodhol  "  Chan  'eil  's  an  iodhol  ach 
neo-ni." 

Cha  robh  Turus  na  Sceillige  'n  a  shiigradh. 
Gun  tighinn  air  an  aiseag  bu  ghnothuch 
gabhaidh  e  cas  is  beatha  fhaotainn  air  tk 
's  a'  chreig,  agus  bu  streup  thapaidh  e  dhol 
suas  aghaidh  na  creige  gu  a  barr,  gu  h-araid 
aig  seann  daoine  is  mnathan. 

B'e  deireadh  iomlan  an  turuis  seasamh  au" 
a'  Bhior — stob  caol  fada  mach  o  bharr  an 
eUein  os  cionn  na  fairge,  agus  gun  ach  leud 
do  dha  bhroige  's  a'  bhior !  Bha  uair  a  bha 
an  turus  so  cumanta  an  Deas-mhumhainn. 
Chan  'eil  a  nis. 

Laithean  iargalta. 

Tha  seanchas  nach  beag  o  shean  air  an 
SceiUig.  A  reir  sgeul  nan  seann  Ghaidheal 
orra  f  hein  is  ann  as  an  Spainnt  a  thainig  iad 
gu  ruige  Eirinn,  agus  air  an  turus  eile  sin 


bh^thadh  Ir  mac  Milidh  aig  an  SceiLlig.  Co 
dhiu  bhath  no  nach  do  bhath,  is  iomadh 
maraiche  crodha  a  cliaidh  a  bhathadh  aig  an 
dearbh  SceiUig.  Chunnaic  an  Sceillig  la 
garbh  iargalta  eile  an  uair  a  thug  na  Loch- 
lauTiaich  ionnsaigh  oirre,  mar  a  thug  iad  air 
gach  nead  Chriosdail  eile  air  an  ruigeadh  iad. 
Is  eigin  nach  robh  e  mar  chleachdadh  aig 
manaich  a  bhith  deanamh  cath  no  comhrag, 
oir  bu  bheag  a'  ghaisge  aig  fir  air  an  SgeiUig 
daoine  eile  thigeadh  o  mhuir  a  chumail  shios. 
Thug  iad  a'  cheud  ionnsaigh  oirre  an  812. 
A'  chuid  de  na  manaich  nach  do  mhort  iad 
fhuair  iad  bas  leis  an  acras.  An  823  thug 
iad  an  dara  ionnsaigh  oirre  agus  thug  iad 
leotha  an  t-Ab,  Eitgal,  agus  fhuair  e  bas  'n 
am  measg.  'S  a'  bhliadhna  838,  air  an  treas 
ionnsaigh,  loisg  is  sgrios  iad  gach  ni  a 
ghabhadh  mUleadh  air  an  eilean.  Ach  cha 
do  chuir  sin  crioch  air  cllu  na  SceiUige.  Agus 
an  uair  a  dh'iompaicheadh  na  Lochlannaich, 
mar  a  rinneadh,  thug  iadsan  iad  fhein  urram 
do'n  aite.  Tha  cuid  ag  radh  gur  ann  air  an 
Sceillig  a  bhaisteadh  Olabh  Trigbhason,  aon 
de  righrean  mora  Lochlainn  ;  agus  tha  a 
leithid  eile  air  aithris  air  Olabh  6g,  a  mhac, 
neach  a  bha  cho  ainmeil  mar  Chriosdaidh 
agus  gu'n  robh  a  chliti  air  feadh  an  t-saoghail. 
Chan  'eil  iomradh  cinnteach  againn  air  c'uin 
no  car  son  a  threigeadh  an  Sceillig  fa 
dheireadh.  A  reir  coltais  bha  daoine  innte 
gu  ruige  1300  is  corr. 

Tha  aon  ni  comh-cheangailte  ris  an  SceiUig 
a  chum  ainm  an  eUein  riamh  buan  an  Eirinn. 
Is  e  manaich  na  SceiUige  na  daoine  mu 
dheireadh  an  Eirinn  a  sheas  an  aghaidh  na 
cunntais  iiire  a  chuir  a  leithid  de  dhragh 
air  an  Eaglais  Cheiltich,  agus  a  rinn  a 
leithid  de  bhuaireadh  innte  mu  laithean 
feille  na  Caisge.  Agus  d'  fhag  sin  uaireannan 
a'  Chaisg  air  an  SceiUig  seachduin  no  dha, 
is  uairean  eadhon  tri,  air  dheireadh  air  a' 
Chaisg  anns  a'  chuid  eUe  de  Eirinn. 

Cha  deante  posadh,  's  an  t-seann  Eaglais, 
ri  Hnn  a'  Charghais  ;  ach  duine  nach  biodh 
riaraichte  leis  an  lagh  sin  an  Eirinn  cha  robh 
aige  ach  a  dhol  chun  na  SceiUig  far  nach 
cuireadh  an  t-am  grabadh  air ;  agus  is 
ionnan  "  a  dhol  chun  na  Sceillig  "  an  Eirinn 
agus  a  bhith  trath  gu  leoir !  No  bhith  an 
am  an  an-am. 


An  Tigh  Mor  nan  uiseag 

Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.  A.,  an  Tigh-an-uillt 

THA    fhios    gu'n    d'thug    daoine    eile    cho  am  bochd  's  am  beartach   a'   comhradh   ri 

math    riumsa    an    aire    cho    cairdeil    's    a  cheile  cho  braithreil   's  gu  bheil  na  seann 

tha   daoine   ri   cheile   aig   am  mar  so  nuair  gh^raidhean-criche   a    bha    eatorra   air   am 

tha  sinn  uile  ann  an  cunnart  :    gheibh  thu  briseadh  sios. 


AN  TIGH  MOR  NAN  UISEAG 


Tha chair  a  cheart  ni  anns  a'  Chogadh  Mhor 
bho  chioim  sia  bliadhna  fichead  air  ais  ; 
gheibheadh  tu  an  t-iochdaran  's  an  t-uach- 
daran  'nan  seasamh  ri  guaillibh  a  cheile 
ri  aghaidh  na  namhaid  mar  gu'm  biodh 
braithrean  ann  ;  's  e  an  aon  seorsa  eididh 
a  bha  'g  an  comhdach  's  chan  fhaiceadh  tu 
eadar-dhealachadh  sam  bith  eatorra,  ach  cho 
luath  's  a  bha  an  cunnart  seachad  bha  na 
seann  gharaidhean-criche  air  an  togail  a  ris. 
Ann  an  laithean  na  sithe  chan  'eil  an  aon 
chairdeas  's  an  aon  bhraithreachas  idir  eadar 
am.  bochd  's  am  beartach. 

Ach  ma  tha  na  nithean  sin  soilleir  anns  na 
bliadhnachan  so,  bha  iad  moran  na  bii 
shoilleire  bho  chionn  leth  cheud  bhadhna 
air  ais  ;  is  gann  a  shealladh  uachdaran  air 
duine  bochd,  's  cha  bu  mhath  leis  idir  gu'm 
biodh  am  bochd  a'  togail  a  chinn  anns  an 
t-saoghal,  ach  dh'fhalbh  an  latha  sin  's  cha 
till  e.  Car  son  nach  coinnicheadh  am  beartach 
agus  am  bochd  a  cheile  mar  bhr^ithrean,  nach 
e  an  Tighearn  a  rinn  iad  gu  leir? 

Am  ministear  Gaidhealach. 

Is  e  thug  dhomh  tighinn  thairis  idk  air  na 
na  nithean  a  dh'ainmich  mi,  sgeul  a  chuala 
mi  bho  dhuine  firinneach  bho  chionn  ghoirid 
air  na  droch  laithean  a  dh'fhalbh  ;  sgeul  a 
dh'fhag  iomadh  neach  ann  an  sgir '  an 
Lagain-Mhoir  fo  phramh. 

Bha  an  sgeul  air  a  h-innseadh  le  fear  a 
chuir  seachad  iomadh  bliadhna  ann  an  tigh 
ris  an  canadh  each  Tigh  Mor  nan  Uiseag,  a' 
torrt  an  aire  air  luchd-cuthaich.  Air  an 
aireamh  aca  bha  ministear  Gaidhealach,  's 
bhiodh  e  air  uairean  a'  dichuimhneachadh 
c'aite  an  robh  e,  's  bheireadh  e  dhaibh 
searmon  math  Gaidhlig  mar  gu'm  biodh  e 
a'  teagasg  ann  an  cubaid  Eaglais  an  Lagain- 
Mhoir. 

Cha  robh  anns  a'  mhinistear  ach  duine  a 
thainig  bho  dhaoine  bochda  's  bhris  air  a 
shlainte  le  anacothrom  is  cion  airgid  mu'n 
d'thug  e  mach  foghlum  is  aran  glan.  Uime 
sin  bha  e  a'  tuigsinn  gu  math  cor  nam  bochd 
a  bha  ann  an  sgh-  an  Lagain-Mhoir  far  an 
robh  e  air  a  shuidheachadh  mar  mhinistear 
an  t-SoisgeU. 

Cha  robh  e  idir  a'  creidsinn  gur  e  ni  cearr 
a  bha  ann  do  dhuine  a  dhol  gu  loch  no  gu 
abhainn  a  dh'iasgach,  's  breac  no  bradan  a 
thoirt  dhachaidh.  Bha  e  fein  gle  dheidheil 
air  iasgach  's  cha  robh  cothrom  a  gheibheadh 
e  nach  biodh  e  mach  le  shlait,  's  cha  do 
smuainich  e  riamh  gu'n  robh  e  a'  deanamh 


ni  cearr.  Theireadh  e  fein,  "  nach  e  Dia  a 
chuir  am  fiadh  anns  an  fhireach,  an  t-iasg 
anns  an  uisge,  's  an  t-eun  air  sgeith,  air  son 
biadh  do'n  duine,  's  chan'eil  speis  aige  do 
phearsa  duine  seach  a  cheile  ?  " 

Chual  an  t-uachdaran  na  beachdan  a  bha 
aig  a'  mhinistear  agus  an  teasgag  a  bhiodh 
aige  air  feidh  's  air  brie  is  bradain,  's  bhoidich 
e  na'm  faigheadh  esan  greim  air,  air  na 
h-uisgeachan  aige-san,  gu'n  deanadh  e  ball- 
sampuUl  dheth  ann  an  Tigh-na-Cuirte. 

Am  Ministear  agus  am  bradan. 

Aon  latha  thug  am  ministear  leis  an 
t-slat-iasgaich  aige,  's  gu'n  sireadh  gun 
iarraidh  thog  e  air  gu  Abhainn-nam-Breac 
Reamhar.  Bha  gaoth  is  grian  'n  a  fhabhar, 
's  an  t-iasg  a'  gabhail  gu  mhiann,  ach  mar 
bha  mi-fhortan  an  dan  thainig  an  geamair 
air,  's  thug  e  uaithe  an  t-slat  's  an  t-iasg. 
Chan  f hoghnadh  ach  am  ministear  a  tharruing 
gu  cuirt. 

Nuair  thainig  an  latha  mor  chruinnich  gach 
sean  is  6g  's  an  sgir  do  Thigh-na-Ciiirte  feuch 
am  faiceadh  's  an  cluinneadh  iad  air  an  son 
fein  gach  ni  a  thachradh.  Nuair  shuidh  a' 
Chtiirt  labhair  fear-lagha  an  uachdarain  gu 
sgaiteach  an  aghaidh  a'  mhinisteir,  's  thuirt 
e  gur  e  ni  narach  maslach  a  bha  ann  fear  a 
chota  's  a  dhreuchd  a  bhi  air  a  ghlacadh  ri 
gadachd,  's  chan  e  a  mh^in  sin  ach  bha  e  a' 
cur  dhaoine  eile  air  seachran  le  teagasg  nach 
robh  aon  chuid  ceart  no  fallain.  Thuirt  e 
nach  biodh  ceartas  air  a  riarachadh  na'm 
faigheadh  e  as  le  cain.  Is  e  am  bun  a  bha 
aig  a'  chuis  gu'n  d'fhuair  am  ministear  coig 
latha  deug  priosain. 

Nuair  chunnaic  e  mar  dh'  eirich  dha 
thoisich  dragh  inntinn  air,  's  cha  robh  e  a' 
faotainn  cadal  na  h-oidhche  air  leaba  chruaidh 
a'  phriosain,  's  mu'n  d'thainig  ceann  nan  coig 
latha  deug  chaidh  e  as  a  rian,  's  dh'fhalbh 
iad  leis  do  Thigh-mor  nan  uiseag  far  an  do 
chuir  am  fear  a  dh'innis  an  sgeul  air  tus 
eolas  air. 

Bha  e  gun  lochd  do  neach  fo'n  ghrein, 
ach  nuair  bhiodh  a'  ghealach  na  h-aird 
dh'fheumadh  iad  siiil  a  chumail  air  mu'n 
deanadh  e  cron  air  fein.  Bhiodh  iad  'g  a 
chluinntinn  air  am  mar  sin  a'  glaodhaich  gu 
h-oillteil,  "  tha  thu  agam  a  nis,  so  an  turus 
air  nach  teid  thu  as,  bidh  am  bradan  daor 
dhuit,  eucoraich  tha  thu  ann!"  An  sin 
leumadh  e  air  fhaileas  fein  leis  na  diiirn,  's 
diiil  aige  fad  na  h-iiine  gur  e  an  t-uachdaran 
a  bha  aige. 


AN  TIGH  MOR  NAN  UISEAG 


Na  gillean  Gaidhealach. 

Bha  dithis  de  ghillean  Gaidhealach  's  an 
Tigh  Mhor  a  bhiodh  a'  dol  a  mach  air  sraid 
le  mu  dha  fhichead  de  na  daoine  air  son  gu'n 
enamhadh  iad  am  biadh  agus  gu'm  faigheadh 
iad  fein  is  each  fois  na  h-oidhche.  Air 
amannan  gheibheadh  iad  cead  suidhe  ri  taobh 
an  rathaid  mhoir  a  leigeil  an  analach,  oir  ged 
bha  na  cinn  aca  uile  gu  math  eutrom  bha  na 
casan  aig  moran  dhiubh  air  fas  slaodach 
trom.  Thainig  iad  do  Thigh-M6r  nan  uiseag 
a  h-iomadh  aite  agus  air  iomadh  doigh ; 
cuid  a  chuir  an  gaol  ann,  's  cuid  a  chuir  an 
saoghal  ann  ;  cuid  a  chuir  an  daorach  ann, 
's  cuid  a  chuir  an  daolaireach  ann,  cuid  a 
chuir  an  creideamh  ann,  's  cuid  a  chuir  an 
teagamh  ann  ;  cuid  a  chuir  amghhair  ann  's 
cuid  a  chuir  tamailt  ann,  's  air  aireamh  na 
feadhnach  mu  dheireadh  bha  fath  mo  sgeil, 
fear  na  casaig.  Gle  thric  nuair  gheibheadh  e 
each  'n  an  suidhe  cruinn  comhla  bheireadh 
e  searmon  dhaibh  anns  a'  Ghaidhlig  bhinn 
bhlasda  a  fhuair  e  leis  a'  bhainne  'n  a 
dhiithaich  fein. 

Aon  latha  Sabaid  ann  am  meadhon  an 
t-samhraidh  bha  an  da  cheannard  a  mach 
air  sraid  le  mu  dha  fhichead  dhiubh,  's  bha 
am  ministear  air  an  aireamh.  Nuair  chaidh 
iad  mu  thri  mile  fhuair  iad  cead  suidhe. 
Bha  am  baile-mor  a  bha  mu  thri  mile  uatha 
'na  laighe  gu  tosdach,  oir  b'e  Di-domhnaich 
a'  chadail  mhoir  a  bha  ann.  Bha  samhchair 
an  aigh  thairis  air  an  duthaich  gu  leir  mar 
gu'm  biodh  i  'n  a  cadal ;  cha  chluinneadh 
tu  glag  ixird  no  iipraid  air  bith  ;  cha  robh 
ni  r'a  chluinntinn  ach  torman  binn  nan  allt, 
no  ceol  nan  eun  air  bharraibh  nan  geug. 

Searmon  a'  Mhinisteir. 

Thuirt  cuideigin,  "  nach  toir  thu  dhuinn 
searmon,  a  Mhinistear,  o'n  tha  a'  Ghaidhlig 
aig  a  chuid  mhor  dhinn!  " 

Dh'eirich  am  ministear  gu  stolda,  's  ghabh 
e  nuU  gu  tolman  uaine  beagan  air  leth  bho 
chach,  agus  thuirt  e  gu  soluimte,  "  deana- 
maid  iirnuigh." 

0  Dhe  naoirnh  agus  uile  bheannaichte, 
ar  n-  Athair  a  ta  air  neamh,  tha  sinne  'g 
ar  sleuchdadh  fein  'na  do  lathair  air  an 
latha  an  diugh  's  'g  ad  chliiithachadh  air 
son  gach  coibhneis  a  tha  thu  nochdadh 
dhuinn  gach  la. 

Chruthaich  thu  sinn  ann  ad  iomhaigh 
fein,  agus  chuir  thu  anama  bed  air  ar 
siubhal  a  chum  eolas  a  ghabhail  ort,  ach 
ghluais  sinne  mar  dhaoine  air  an  toil  fiin. 


Tha  sinn  'g  ad  mholadh  nuair  dh' 
amhairceas  sinn  mu'n  cuairt  oirnn  air 
obair  do  lamh  ;  chruthaich  thu  an  talamh 
is  a  Ian,  an  domhan  's  na  bheil  ann ; 
chuir  thu  gach  eun  is  iasg  is  beathach  eile 
a  chruthaich  thu  fo  cheannsal  mhic  an 
duine,  s  mar  sin  thug  thu  coir  dha  orra. 
Chuir  thu  a'  ghrian  anns  na  speuraibh  air 
son  soluis  re  an  la,  agus  a'  ghealach  's  na 
reultan  air  son  soluis  re  na  h-oidhche. 

Tha  sinn  'g  ad  chliiithachadh  air  son 
maise  nan  craobh,  's  airson  gach  lus  is 
flur  tha  fas  air  raontan  gorm  an  aigh ; 
air  son  samhchair  nam  beann  is  toradh 
trom  nan  gleann. 

0  Dhe  ghrasmhor,  tha  sinn  a'  togail  ar 
suilean  suas  le  taingealachd  air  son  gach 
sochair  a, tha  thu  a'  buileachadh  oirnn,  ach 
OS  cionn  gach  ni  a  thug  thu  dhuinn  tha  sinn 
'g  ad  mholadh  air  son  mac  do  ghraidh  a 
thainig  a  dh' ionnsuidh  an  t-saoghal  's  a 
dh'fhuiling  am  bos  air  ar  son-ne,  ach  a  tha 
bed  aig  do  dheas  laimh  gu  bhi  a'  deanamh 
eadar-ghuidhe  air  ar  son  ann  an  cuirtibh 
na  gldire. 

Thoir  dhuinn  an  diugh  a  bhi  togail  ar 
suilean  suas  a  dh'ionnsuidh  nan  nithean  a 
ta  shuas  air  nach  tig  atharrachadh  no 
caochladh  a  chaoidh.  Anns  an  t-saoghal 
so  tha  sinn  a'  faicinn  caochlaidhean  air 
gach  taobh  dhinn,  ach  cha  tig  caochladh 
ortsa,  oir  is  tusa  an  t-aon  ceudna  an  de, 
an  diugh,  agus  gu  siorruidh. 

Athair  na  trdcair,  stiur  agus  treoraich 
ar  ceum  am  feadh  a  ta  sinn  a'  triall  troimh 
an  bheatha  so  gus  an  ruig  sinn  do  lathaireachd 
ghldrmhoir  fein,  far  nach  bi  peacadh,  no 
bron,  no  bas,  agus  far  an  tiormaich  thu 
fein  gach  deur  bho  ar  siiilibh. 

A  nis  dhasan  as  urrainn  ar  coimhead 
bho  thuifeam,,  agus  ar  nochdadh  gu  neoch- 
oireach  an  lathair  a  ghldire  le-h-aoibhneas 
ro  mhor  ;  do'n  Dia  a  ta  mhain  glic,  ar 
Slanuighear  gu  robh  gldir,  agus  moralachd, 
neart,  agus  cumhachd,  a  nis  agus  gu 
siorruidh.      Amen." 

Nuair  bha  an  urnuigh  criochnaichte  sheall 
e  mu'n  cuairt  air  a'  choimhthional,  agus 
thuirt  e  gu  soluimte,  "  bu  mhiann  learn  an 
diugh  facal  no  dha  a  radh  ribh  air  a'  cheann- 

teagaisg  so. — 

."  Feuch  tha  mi  a'  m'  sheasamh  aig  an 
dorus  agus  a'  bualadh ;  ma  dh'  eisdeas 
neach  sam  bith  ri  m'  ghuth,  agus  gu'm 
fosgail  e  an  dorus,  thig  mi  a  steach  d'a 
ionnsuidh,  agus  gabhaidh  mi  mo  shuipeir 
maille  ris  agus  esan  maille  riumsa." 


Aireamh   lo 


1940 


Stiil  a'  choigrich 

Giod  a  chunnaic  iad  ann  ad  thigh  ? — Isaiah  xxxix.,  4. 


UAIR  a  bha  Heseciah  tinn  chuir  Merodach- 
baladan,  righ  Bhabiloin,  teachdairean  agus 
tiodhlac  'g  a  ionnsuidh,  a  dh'innseadh  dha 
gu  robh  e  toilichte  a  chluinntinn  gu  robh  e  a' 
dol  na  b'  fhearr.  Rinn  Heseciah  beatha  nan 
teachdairean  gu  suairce,  agus  mar  chomharr- 
adh  air  fhabhar  agus  a  ghean-maith,  dh' 
fhosgail  e  dhaibh  a  liichairt  agus  a  thigh- 
armachd  agus  a  thigh-tasgaidh,  agus  leig  e 
fhaicinn  dhaibh  gach  ni  luachmhor  a  bha 
aige  'n  a  rioghachd. 

Theagamh  gur  e  sin  a  bha  's  an  t-sealladh 
aig  Merodach-baladan  an  uair  a  chuir  e  na 
teachdairean  gu  Heseciah,  gu'm  faiceadh  iad 
ciod  an  t-ionmhas  agus  an  armachd  a  bha 
aige. 

Ach  cha  do  thaitinn  e  ris  an  fhaidh  Isaiah 
a  chluinntinn  gu'n  d'  thainig  teachdairean 
a  BabUon  air  a  leithid  de  thurus,  agus  chaidh 
e  gu  Heseciah  is  thubhairt  e  ris,  "  Ciod  a 
chunnaic  iad  ann  ad  thigh  ?  "  "  Chunnaic 
iad,"  arsa  Heseciah,  "  a  h-uile  ni  a  tha  'n 
am  thigh  ;  chan  'eU  ni  ann  nach  d'fheuch 
mi  dhaibh."  "  A  dhuine  ghoraich,"  arsa 
Isaiah,  "  thig  an  la  amis  am  bi  do  mhic  agus 
ionmhas  do  rioghachd  air  an  giiilan  air  falbh 
gu  Babilon" 


Sin  an  t-seann  naidheachd  ach  saoilidh  mi 
gu'm  faodar  car  ur  a  thoirt  dhi  gun  na 
Sgriobturan  fhiaradh. 

Na'n  tigeadh  coigrich  as  an  aird  an  Ear 
do  Bhreatunn,  abair  daoine  crabhach  de'n 
chreideamh  Hinduach,  a  dh 'fhaicinn  ciamar 
a  tha  an  creideamh  Criosduidh  air  a  nochdadh- 
ann  am  beatha  IMtheU  an  t-sluaigh,  agus 
na'n  robh  e  air  iarraidh  ort-sa  aoigheachd  a 
thoirt  dhaibh  fad  seachduin,  ciod  a  chitheadh 
iad  'n  ad  thigh  ? 

An  e  so  an  cunntas  a  bheireadh  iad  do  na 
daoine  aca  fein  an  deidh  dhaibh  dol 
dhachaidh  ?  "  Bha  sinn  seachduin  anns  a' 
Ghaidhealtachd,  a'  fuireach  le  teaghlach 
grinn,  a  nochd  gach  coibhneas  dhuinn  a 
ghabhadh  deanamh  ;  daoine  cho  laghach  's 
a  thachair  riamh  oirnn.  A  reu-  choslais  bha 
iad  air  an  deagh  dhoigh  ;    air  gach  trath. 


bidh  bha  am  bord  air  ar  beulaibh  air  a 
charnadh  suas  le  biadh  is  deoch,  agus  air  a 
dheanamh  riomhach  le  soithichean  au-gid 
agus  1  in -an  art  geal.  Bha  leaba  mhaith 
againn,  agus  seomraichean-cadail  glan,  agus 
gach  comhfhurtachd  eile  a  bha  feumail. 
Ach  chan  fhaca  sinn  dad  de'n  chreideamh 
no  de'n  t-seorsa-aoraidh  a  tha  aca,  ma 
bhitheas  iad  ag  aoradh  do  dhia  air  bith. 
Tha  leabhar  aca  ris  an  abair  iad  "  leabhar 
naomh,"  ach  chan  fhaca  sinn  iad  'ga 
leughadh  ;  tha  teampuiU  aca  ris  an  abair  iad 
eaglaisean,  tighean  fuar  agus  bochd,  ach  ged 
chunnaic  sinn  daoine  eile  a'  dol  a  steach 
annta,  cha  deachaidh  gin  d^.'n  teaghlach  ud 
do'n  eaglais  fad  na  h-iiine  a  bha  sinn  comhla 
riu.  Cha  mho  chunnaic  sinn  iad  ag  urnuigh, 
no  ag  aoradh  'n  an  teaghlach,  no  ag  aideach- 
adh  Creideamh  air  bith.  Tha  la  naomh  aca 
ris  an  abair  iad  Di-domhnaich,  no  Sabaid,  no 
la  an  Tighearna,  ach  an  aite  dol  do'n  teampuU 
air  an  la  sin  thug  iad  a  mach  sinn  ann  am 
motor  car  a  dh'fhaicinn  na  diathcha,  is  chuir 
sinn  seachad  an  la  gu  toUichte  a'  reiseadh 
sios  is  suas  le  luathas  eagallach.  Bha  an 
teaghlach  ud  a  thug  aoigheachd  dhuinn 
anabarrach  coibhneil  agus  blath  'n  an  cridhe, 
ged  nach  faca  sinn  comharradh  air  bith  gu 
robh  iad  a'  creidsinn  ann  an  dia,  no  ann  an 
spiorad,  no  ann  an  saoghal  eile." 

Is  maith  coibhneas  fhein,  agus  is  maith 
gu'm  bitheamaid  blath-chridheach  agus  deas 
gu  aoigheachd  a  thoirt  do'n  choigreach,  oir  is 
toradh  an  Spioraid  iad  ann  an  seagh  fior, 
agus  theagamh  nach  'eil  neach  air  bith  a' 
nochdadh  spiorad  Chriosd  'n  a  chaitheamh- 
beatha  laitheil  na's  cinntiche  na'n  duine  aig 
a  bheil  cridhe  gradhach  coibhneil.  Ach  air  a 
shon  sin,  chan  abrainn  teaghlach  Criosduidh 
ri  teaghlach  air  bith  anns  nach  'eil  facal  Dhe 
an-  a  leughadh  agus  tirnuigh  air  a  deanamh 
ri  Dia.  Cuir  thusa,  a  leughadair,  a  tha'n  ad 
cheann-teaghlaich  a'  cheist  so  riut  fein,  Ciod 
a  chitheadh  coigreach  ann  am  thigh-sa  ? 
Am  faiceadh  e  tigh  gun  aoradh,  agus  gun 
iomradh  air  Dia  ;  tigh  anns  nach  faca  a' 
chlann  am  parantan  riamh  air  an  gliiinean 
ag  urnuigh.  Mo  thruaighe  a'  chlann  aig 
nach  'eil  an  cuimhneachan  sin  o  IMthean  an 
oige. 


SUIL  A'  CHOIGRICH— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Cuir  car  eile  anns  an  naidheachd,  Ciod  a 
chluinneadh  duine  'n  ad  thigh  na'n  robh  e 
ann  fad  seachduin  1  An  chiinneadh  e  thu  a' 
bruidhinn  gu  cas  agus  gu  crosda  ri  d'  mhnaoi  ? 
No  am  faiceadh  e  nach  'eil  thu  furasda  cur 
suas  leat  'n  ad  thigh  fein,  ged  tha  thu  min 
agus  siobhalt  gu  leoir  ri  coimhearsnaich  agus 
coigrich. 

Duine  nach  'eil  laghach  ri  mhnaoi,  a 
labhras  rithe  gu  crosda  no  gu  salach,  no  nach 
labhair  idir  le  dhroch  nadur  fein,  sin  agad 
duine  nach  'eil  'n  a  Chriosduidh  ged 
dh'fhaodas  e  a  bhi  crabhach. 

Theagamh  gur  tearc  a'  charaid-phosda  a 
chuireas  seachad  am  beatha  comhla  gun 
rudeigin  a  thighinn  eatorra  uair  no  uaireigin. 
Ach  ma  thachras  sin,  is  ann  aig  a'  bhoir- 
ionnach  a  tha  ceann  trom  na  cuise  daonnan. 
Tha  obair  laitheil  fir  'g  a  thoirt  a  mach  as  an 
tigh,  air  falbh  o'n  dachaidh  air  an  do  thuit 
an  neul,  is  theid  aige  air  na  bha  eatorra  anns 
a'  mhaduinn  a  dhichuimhneachadh.  Ach 
chan  urrainn  ise  sin  a  dheanamh.  Feumaidh 
i  fantuinn  aig  an  tigh,  agus  tha  txine  aice  dol 
thairis  fichead  uair  'n  a  h-inntinn  air  a 
gearan  agus  a  goirteas  gus  mu  dheireadh  a 
bheil  a  goirteas  anns  an  fheasgar  na's  goirte 
seachd  uairean  na  bha  e  anns  a'  mhaduinn. 
Mar  sin  bu  choir  do'n  fhear  tighinn  as  a 
dhroch  nadur  na's  luaithe  na'm  boirionnach, 
maitheanas  iarraidh  agus  reite  a  dheanamh 
gu  h-uasal.  Ma's  e  dlighe  nam  ban  am  facal 
mu.  dheireadh  a  bhi  aca  ann  an  connsachadh 
is  e  dleasdanas  nam  fear  a'  cheud  fhacal  a 
bhi  aca  ann  an  deanamh  reite. 


agus  do'n  choinneamh-urnuigh.  Ach  an 
deidh  dha  a  lamh  a  chall  stad  e  a  dhol  do'n 
eaglais  agus  leig  e  seachad  uile  chleachdanna 
follaiseach  na  diadhaidheachd.  Chan  e  sin  a 
mhain  ach  dh'fhas  e  canranach  agus  crosda 
'n  a  nadur,  a'  saoilsinn  gu  robh  cuis-ghearain 
aige  an  aghaidh  Dhe  agus  an  aghaidh  a 
fhreasdail. 

Gun  teagamh  tha  e  cruaidh  do  fhear-oibre 
a  lamh  a  chall,  a  tha  an  urra  ri  cheaird  agus 
ri  phaigheadh-seachduin,  ach  tha  e  na's 
miosa  air  fad  gu'n  leigeadh  e  le  tinneas  no 
cruaidh-fhortan  air  bith  a  reite  no  dhaimh 
ri  Dia  a  nihilleadh,  no  searbhadas  a  dhiisgadh 
'n  a  chridhe.  Duine  air  bith  a  tha  ag  altrum 
searbhadais  'n  a  chridhe,  co  dhiu  is  ann  an 
aghaidh  Dhe  no  an  aghaidh  choimhearsnach, 
sin  agad  duine  a  tha  cheana  ann  an  ifreann, 
dubh-aite  na  truaighe. 

Ciod,  ma  ta,  a  chunnaic  coimhearsnaich 
ann  ad  thigh-sa  an  deidh  do'n  tubaist  ris 
nach  robh  diiil  agad  tighinn  ort  ?  Am  faca 
iad  nach  do  leig  thu  le  farmad  no  le  sear- 
bhadas aite  fhaotainn  'n  ad  chridhe,  agus 
nach  do  mhill  thu  sonas  dhaoine  eile  le  do 
shior  ghearan.  Is  e  aon  de  chomharraidhean 
na  h-inntinn  Chriosdail  duine  a  bhi  toilichte 
agus  geanail  am  measg  a  theaghlaich  fein,  oir 
cuiridh  aon  duine  toilichte  sunnd  air  daoine 
eile.  Chan  'eil  e  furasda  do  mhnaoi  no  do 
chloinn  a  bhi  anns  an  aon  tigh  ri  duine  ' '  a 
bhios  a'  caoidh  ma?'  na  dragoin,  agus  ri 
cumha  mar  nigheanan  na  caillich  oidhche." 
(Micah  1,  8.) 


Aon  char  eile  anns  an  naidheachd  so  agus 
an  car  mu  dheireadh  ;  an  uair  a  bha  thu  gu 
tinn,  no  chaill  thu  do  shlainte,  no  thainig 
camadh  'n  ad  chrannchur,  ciod  a  chunnaic  na 
coimhearsnaich  'n  ad  thigh  ? 

Bho  chionn  bhliadhnachan  chaill  fear  a 
b'aithne  dhomh  a  lamh  ann  am  muileann- 
fiodha.  M'  an  do  thachair  an  driodfhortan 
ud  dha  bha  e  'n  a  fhear- aideachaidh  gealltan- 
ach,   agus  fritheilteach  air  dol  do'n  eaglais 


Tha  fichead  rud  'n  ar  beatha  laitheil  ai 
ghabhadh  ceartachadh  na'n  cuireamaid 
romhainn  nach  faiceadh  an  coigreach  a  thig 
a  steach  air  ar  geata  dad  tuathal  no  neo- 
sgoinneil,  no  idir  idir  dad  cronail  no  peacach  'n 
ar  tigh,  o'n  gheata  fhein  a  bhios  gu  goirid  'n 
a  bhiorain  mur  cuirear  tarrang  no  dha  ann, 
gus  an  droch  nadur  a  dh'fheumas  sinn  a 
chasg  ma  bu  mhaith  leinn  fas  anns  a'  bheatha 
dhiadhaidh.  A  mach  agus  a  stigh  tha  feum 
againn  uile  air  ar  tigh  a  chur  an  ordugh. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


( Air  a  leantuinn) 

MAR  thubhairt  mi  cheana  bha  riidh  aig 
UiUeam  Leishman  ann  an  iomadh  rud  eile 
a  thuilleadh  air  tuathanachd  ;  ann  an 
deireadh  a  laithean  gu  sonraichte  cha  robh 
uiread  'n  a  leabhraichean-sgriobhaidh  mu 
phrisean  no  mu  obaii-  an  fhearainn  's  a  bha 


annta  mu  obair  an  Spioraid  Naoimh  anns  an 
anam.  Bha  e  a'  creidsinn  gur  e  an  Spiorad 
Naomh  an  tiodhlac  as  iongantaiche  agus  as 
luachmhoire  a  -thug  Dia  do  dhaoine,  agus 
gur  e  iadsan  a  mhain  a  tha  air  an  teagasg  leis 
an  Spiorad  aig  a  bheil  fior  eolas  air  Dia, 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


3 


Air  Di-domhnaich  na  Cuingis  anus  a' 
bhliadhna  1910  sgriobh  e  mar  so  'n  a 
leabhar-la  : — 

"  Anjis  a'  mhaduinn,  m'an  deaclvaidh  mi 
do'n  eaglais,  leugh  mi  an  cunntas  a  tha  ann 
an  Gniomharan  nan  Ahstol  mn  theachd  an 
Spioraid  Naoimh,  agus  thainig  an  smuain 
'n  am  inntinn  nach  bu  rahaith  leam  duine 
aig  nach  'eil  ach  inntinn  mhaol  a  chluinntinn 
a'  bruidhinn  uime.  Is  tearc  na  ministearayi 
as  urrainn  teagasg  simplidh  agus  buanach- 
dail  a  thoirt  do  choiinhthional  mu'n  Spiorad 
Naomh.  Tha  mi  an  duil  gu'm  b'fhearr 
dhaibh  an  cuspair  so  a  sheachnadh  'idle  gu 
leir  agus  leigeil  leis  an  Spiorad  Naomh  fein 
na  tha  feumail  de'n  fhirinn  fhoillseachadh 
do  dhaoine.  Tha  na  smuaintean  agus  na 
faireachduinean  a  chuireas  an  Spiorad 
Naomh  ann  an  cridhe  neach  fada  na's  fire, 
an  uair  nach  feuchar  r'an  cur  am  briathrayi, 
na  tha  iad  an  uair  a  chuirear  an  cainnt  iad. 
Chan  'eil  ann  an  cainnt  ach  oidhirp  bhochd 
air  nithean  a  tha  diomhair  a  chur  an  ceill. 
Ach  ged  nach  'eil  e  soilleir  do  mo  thuigse 
nadurra  ciod  e  an  Spiorad  Naomh,  no 
ciamar  a  tha  e  ag  oibreachadh,  tha  fhios 
agam  air  a  shon  sin  gu'm  bi  e  a'  stri  rium. 
fein  gun  sgur,  agus  nach  biodh  edlas  idir 
agam  air  Dia  as  eugmhais.  Dh'fhairtlich 
e  oryn  riamh  a  thuigsinn  le  m'  reuson  ciod 
an  daimh  a  tha  eadar  am  Biobull  agus  an 
Spiorad  Naomh,  no  ciod  a  tha  diadhairean 
a'  ciallachadh  an  uair  a  bhios  iad  ag  radh 
gu  bheil  am  Biobull  air  a  dheachdadh  leis  an 
Spiorad  Naomh,  ach  ged  tha  so  dorcha  do  ni 
reuson  tha  m'  fhiosrachadh  fein  a'  dearbhadh 
dhomh  gur  ann  troimh  bhriathran  a' 
Bhiobuill  is  trice  a  bhios  an  Spiorad  Naoinh 
a'  labhairt  rium.  Chan  'eil  mi  a'  creidsinn 
gu  bheil  an  Spiorad  air  a  cheangal  ris  an 
Fhacal  air  a  leithid  de  dhoigh  's  nach  gabh 
iad  dealachadh,  oir  tha  litir  an  Fhacail  air 
uairean  cho  marbh  dhomh  ri  seana  chnamh 
gun  sraior,  ach  an  ath  uair  a  leughas  mi  e 
tha  a'  cheart  litir  sin  mar  theine  bed  'n  am 
chridhe,  a'  toirt  dearbhachd  dhomh  mu  Dhia 
agus  7nu  fhlreantachd  agus  mu  bhreitheanas . 
Mar  sin  tha  mi  an  diiil  nach  'eil  an  Spiorad 
Naomh  air  a  ghlasadh  anns  a'  Bhiobull 
mar  gu'm  biodh  ionmhas  air  a  ghlasadh  ann 
an  ciste,  ach  gu  bheil  e  saor,  a'  falbh  agus  a' 
tighinn  an  cois  an  Fhacail  mar  is  aill  leis. 
Tha  moran  shamhlaidhean  air  an  cleadchadh 
anns  a'  Bhiobull  mu'n  Spiorad  Naomh,  agus 
tha  sin  fhein  'n  a  chomharradh  cinnteach  gu 
bheil  e  diomhair  '■??-  a  ghne  agus  'n  a  obair  ; 
tha  e  'n  a  Sholus,  'n  a  Theine,  'n  a  Ghaoith, 
'na  Dhriichd,  'n  a  Chalaman  ;  coig  nithean 
a  tha  fada  o  cheile,  agus  gun  ghin  idir 
dhiubh  an  aon  ni  daonnan.     Their  thu  gaoth 


ris  an  osaig  bhlath  chaomhail  a  bheir  chugad 
aile  cubhraidh  nan  coilltean  agus  na 
machrach,  ach  their  thu  gaoth  mar  an 
ceudna  ris  an  doinionn  ghdbhaidh  a  spionas 
craobhan  as  am  bun,  no  a  bhathas  mairichean 
air  a'  chuan.  Their  thu  teine  ris  a'  ghriosaich 
chdirdeil  a  chi  thu  ann  ad  thigh  fein,  ach 
their  thu  teine  cuideachd  ris  na  lasraichean 
oillteil  a  dh'eireas  o  bhiith  mor  a  chaidh  air 
theine.  Mar  a'  ghaoth  no  an  teine  tha 
tiodhlacan  agus  buadhan  an  Spioraid  eadar- 
dhealaichte,  ach  tha  an  Spiorad  fein  neo- 
fhaicsinneach,  bith-bhuan,  agus  diomhair." 

All  uair  a  bha  Uilleam  Leishman  anns  an 
Oilthigh  bha  dithis  ghillean  eile  a  Cille- 
sgumain  aim  comhla  ris  ;  Eachann  Domh- 
nullach  agus  Eric  Smeaton.  Ged  nach  robh 
an  triiiir  coltach  ri  cheile  'n  an  nadur  bha 
cairdeas  agus  companas  dluth  eatorra,  agus 
chiim  iad  suas  an  cairdeas  sin  an  deidh 
dhaibh  Dun-eideann  f  hagail  agus  toiseachadh 
air  obair  ;  Uilleam  Leishman  'n  a  thuathanach 
anns  an  aite  anns  an  do  rugadh  e  ;  Eric 
Smeaton,  'n  a  mhinistear  de'n  Eaglais 
Shasunnaich,  an  Carlisle  ;  agus  Eachann 
Domhnullach  'n  a  chleireach-lagha  an  Dim- 
eideann. 

De'n  triuir  b'e  Eric  Smeaton  am  fear  a  bu 
chrabhaiche  agus  a  bu  lugha  de'n  olc  ann 
gu  nadurra ;  b'e  Eachann  Domhnullach  am 
fear  aig  an  robh  na  talantan  a  b'fhearr  agus 
an  inntinn  a  bu  gheire,  ach  bha  taic  is 
seasmhachd  agus  tiir  nadurra  ann  an  Uilleam 
Leishman  a  thug  dha  seorsa  ceannardais  'n 
am  measg  o  oige. 

Fad  bhliadhnachan  bhiodh  iad  a' 
sgriobhadh  gu  each  a  cheile,  ag  innseadh 
mar  bha  a'  dol  daibh,  ach  an  sin  stad 
litrichean  Eachainn  DhomhnuUaich,  is  cha 
chuala  Eric  Smeaton  no  Uilleam  Leishman 
bhuaith  fad  da  bhliadhna,  agus  a  thaobh  's 
gu'n  d'  fhag  a  chuideachd  Cille-sgumain,  cha 
robh  fhios  aca  co  dhiu  a  bha  e  bed  no  marbh. 

Uair  a  bha  Eric  Smeaton  a'  tadhall  air 
UUleam  Leishman  dh'innis  e  dha  gu'm  faca 
aon  de  mhinistearan  oga  na  h-Eaglais 
Shasunnaich  a  bha  ag  obair  ann  am  Margadh- 
an-Fheoir,  an  Dim-eideann,  Eachann  Domh- 
nullach ann  am  fear  de  Thighean-nam 
Faondrach,  air  a  leabaidh  agus  coslais  a' 
bhais  air.  Leig  e  leis  fein  falbh  leis  an  t-sruth 
gu  buileach,  ag  61  agus  ag  iomairt  agus  air 
an  ran-dan,  gus  mu  dheireadh  an  do  chaill 
e  'aite  agus  a  shlainte  agus  a  chliii  agus  na 
chuir  e  mu  seach,  agus  na  bu  mhiosa  air  fad, 
a  mheas  air  fein. 

Chuir  an  dithis  romhpa  gu'n  rachadli  iad 
a   Dhun-eideann    'g   a   fhaicinn,    ged   bhios 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


naire  air  daoine  caomhail  a'  dol  a  dh'fhaicinn 
seana  chompanach  a  chaill  a  naire  fein. 

Cho  luath  's  a  rainig  iad  taobh  a  leapa 
dh'aithnich  e  iad,  ged  bha  neul  a'  bhais  air 
aodann,  agus  a  ghuth  cho  lag  's  nach  mor 
gu'n  cluinneadh  iad  e.  Cha  robh  Uilleam 
Leishman  'n  a  leithid  de  shuidheachadh 
riamh,  is  cha  robh  fhios  aige  ciod  a  dheanadh 
no  dh'abradh  e  ;  bha  a  chridhe  goirt  air  son 
a  sheana  charaid.  Chaill  e  a  chainnt,  agus 
cha  b'urrainn  dha  dad  eile  a  dheanamh  ach 
breith  air  lamh  Eachainn  Dhonjinullaich 
agus  toiseachadh  air  caoineadh. 

Bha  Eric  Smeaton  na  bu  chruaidhe  agus 
na  b'eolaiche  air  a'  bhas  agus  air  toradh  is 
tuarasdal  a'  pheacaidh,  agus  thoisich  esan 
air  bruidhinn  ris  an  fhear  a  bha  air  an 
leabaidh  mar  bha  e  an  dull  bu  choir  do 
mhinistear  labhairt  ri  peacach  a  bha  dol  a 
steach  do'n  t-siorruidheaehd  ann  an  iiine 
ghoirid,  ag  iarraidh  air  sealltuinn  ris  an 
t-Slanuighear  a  thug  maitheanas  agus  dochas 
do'n  ghaduiche  beagan  mhionaidean  m'an 
do  dhuin  am  bas  a  shiiilean. 

Ach  leis  an  deo  analach  a  bha  aige  chuir 
Eachann  DomhnuUach  stad  air.  "  Rinn 
mise  mo  leaba,  Eric,"  ars  esan,  "  agus  cha 
ghabh  ciiisean  atharrachadh  a  nis,  ach 
bhithinn  'n  ad  chomain  na'n  leigeadh  tu 
learn  am  beagan  tiine  a  bhios  againn  comhla 
ri  cheile,  gun  a  bhi  a'  bruidhinn  mar  sin." 

Shiubhail  e  anns  an  oidhche,  agus  a  lamh 
fhathast  ann  an  laimh  an  duine  ghaolaich 
nach  b'urrainn  a  bheul  fhosgladh  no 
smuaineachadh  air  earaUean  no  comhfhurt- 
achd  a  thoirt  dha  ach  a  mhain  a  lamh 
bhlath  agus  a  dheoir.  Chuir  Uilleam  Leish- 
man fo'n  uir  e  air  a  chosdus  fein. 

Theagamh  gu  robh  leaba-bhais  Eachainn 
Dhomhnullaich  'n  a  inntinn  an  uair  a 
sgriobh  e  so  'n  a  leabhar-sgriobhaidh. 

"  Is  ann  fior  uair  annamh  a  bhios  mi  a' 
chiinntinn  mhinistearan  an  diugh  a' 
searmonachadh  mu'n  truaighe  a  tha  «' 
feitheamh  air  peacaich  neo-aithreachail  anns 
an  ath  shaoghal,  agus  a  riir  m'  fhiosrachaidh, 
chan  e  an  fheadhainn  as  fhearr  agus  as 
turaile  a  bhios  'g  a  dheanamh  an  uair 
anyiamh  sin  fhein.  Theagamh  gur  e  an 
t-aobhar  nach  'eil  iad  fein  cinnteach  ciod  a 
thachras  do  neach  air  bith  anns  an  t-saoghal 
eile,  no  gu  bheil  eagal  orra  am  beachdan  a 
liubhairt  gu  saor  air  eagal  gu'n  tugadh  e 
oilbheum  do  dhaoine  nithean  ur  a  chluinntinn. 
Ach  air  mo  shon  fhein  dheth  chan  ''eil  rud 
air  an  t-saoghal  a  b'fhearr  leam  na  bhi  ag 


disdeachd  ri  sgoilearan  diadhaidh  a'  toirt 
dhuinn  am  beachdan  fein  gu  saor  mu'n 
t-saoghal  eile,  agus  tha  mi  Ian  chinnteach  gii 
bheil  a'  mhdr-chuid  de  dhaoine  ciallach  de'n 
aon  bheachd  rium,,  agus  gu'm  b'fhearr  leo 
sea7ichas  de'n  t-seorsa  so  seach  mdran  de'n 
ghleadhraich  eile  ris  am  bi  sinn  ag  eisdeachd. 

Tha  a'  cheart  uiread  de  na  daoine  a  bu 
docha  leam  a  nis  anns  an  t-saoghal  eile  's  a 
tha  anns  an  t-saoghal  so,  agus  air  uairean 
bithidh  e  a'  cur  eagail  orm  gu'm  faod  daoine 
air  an  robh  gaol  agam  a  bhi  ann  am  piantan 
ifrinn,  ged  nach  'eil  mi  idir  a'  creidsinn 
anns  an  loch  theine  agus  na  lasraichean 
fiadhaich  a  bhithear  a'  maoidheadh  air 
paisdean.  Ach  tha  e  moran  na's  fhasa 
dhomh  beachdan  leanabail  a  chur  a  tnach  a 
m'inntinn  na  chur  a  mach  as  mo  chnamhan. 

"  Ma's  maith  mo  bheachd,  chan  e  argumaid 
no  solus  reusoin  a  thug  atharrachadh  air 
beachdan  dhaoine  a  thaobh  cor  dhaoine  anns 
an  t-saoghal  eile,  ach  ni-eigin  ann  an 
cnamhan  agus  ann  am  faireachduin  dhaoine 
nach  leig  leo  a  chreidsinn  gu'm  biodh  e  ceart 
do  Dhia  uasal  agus  cothromach  giollachd  a 
dheanamh  air  peacaich  nach  deanadh  athair 
air  bith  air  a  mhac  seachranach.  Chanfhan 
beachd  air  bith  bed  ann  an  inntinn  mhic  an 
duine  mur  bheil  e  a'  comh-chdrdadh  ris  na 
beachdan  eile  a  tha  aige,  agus  mar  sin  tha  an 
creideamh  a  bha  aig  an  eaglais  Chriosduidh 
a  thaobh  ifrinn  anns  na  seann  Idithean  air 
fas  fann  an  diugh  a  chionn  gu  bheil  an 
eaglais  fhein  a'  teagasg  bheachdan  mu  Dhia 
nach  'eil  a'  comh-chdrdadh  ris.  Tha  mi 
a'  creidsinn  gur  ann  o'n  iSpiorad  Naomh  a 
tha  so  a'  teachd,  oir  tha  an  Spiorad  a' 
tredrachadh  dhaoine  troimh  na  linntean  as 
an  dorchadas  a  steach  do'n  t-solus. 

"Ach  ged  nach  urrainn  daoine  tiirail 
creidsinn  anns  na  lasraichean  litireil  no  ann 
an  ddruinn  shiorruidh  tha  e  cho  fior  's  a 
bha  e  riamh  gu  bheil  coguis  mhic  an  duine 
a'  mairsinn  bed  anns  an  t-saoghal  eile,  agus 
far  a  bheil  coguis  bhed  an  sin  tha  '  piantan 
ifrinn,'  ach  piantan  aig  a  bheil  e  mar  chrich 
an  t-anam  a  ghlanadh  agus  a  shoillseachadh 
agus  a  thoirt  gu  Dia.  Ach  ged  bhios  mi  a' 
rannsachadh  nan  nithean  so  'n  am  inntinn 
fein  agus  anns  a'  Bhiobull  is  e  am.  facal  air 
am,  bi  mi  daonnan  a'  taiceachadh  air  a' 
cheann  mu  dheireadh,  '  Nach  dean 
Breitheaynh  na  talmhainn  uile  ceartas?  ' 
{Genesis  xviii.,  25).  Tha  Dia  uasal  agus 
trdcaireach,  iomlan  'n  a  naomhachd  agus  'n 
a  ghliocas  agus  'n  a  ghradh,  air  chor  agus 
nach  'eil  ifreann  fhein  an  taobh  a  mach  d'a 
thighearnas  no  d'a  chumhachd." 


Anns  a'  Chathair 


Co  a  sliaoileadh  gu'n  tugadh  an  Cogadh 
bhuainn  clag  na  h-eaglais,  an  comharradh  as 
foUaisiche  a  tha  againn  gu  bheil  ar  comhnuidh 
ann  an  duthaich  Chriosduidh  ? 

Theagamh  gu'n  abair  cuid  nach  call  mor 
e  an  clag  a  bhi  'n  a  thosd  agus  gu'n  deanar 
feum  gu  maith  as  eugmhais,  ach  air  a  shon 
sin  tha  barrachd  ionndrainn  agam  fhein  air 
na  tha  agam  air  goireasan  eile  a  dh'fhas  gann. 

Ged  nach  toigh  learn  straighhch  agus 
gieadhraich  a'  bhaile-mhoir  rachainn  astar 
maith  a  chluinntinn  cluig  nan  eaglaisean  a' 
bualadh  air  maduinn  na  Sabaid,  an  Glaschu 
no  an  Dun-eideann. 

Sin  fuaim  cho  boidheach  's  a  chluinnear 
air  thalamh,  co  dhiu  a  tha  thu  air  an  duthaich 
no  amis  a'  bhaile.  Ann  an  gliocas  an  Tigh- 
earna  chunnaic  e  iomchuidh  corp  mhic  an 
duine  a  dhealbh  air  a  leithid  de  dhoigh  's  gu 
bheil  uile  bhuadhan  a'  chuirp,  cluas,  is  silil, 
is  sron,  a'  tabhairt  solais  dha.  Bhiodh  e 
duilich  a  radh  c6  dhiubh  sin  a  tha  toirt 
duinn  am  barrachd  toil-inntinn,  ach  ged  is  e 
sealladh  nan  sul  an  rud  mu  dheireadh  a  bu 
mhaith  learn  a  chall,  chan  'eil  latha  de  mo 
bheatha  nach  'eil  mi  taingeil  do  Dhia  air  son 
nan  solasan  air  a  bheil  mi  a'  ruighinn  le  mo 
chluais. 

Fuaimean  binn  a'  Chruinne. 

Ann  an  samhchair  na  dtithcha  tha  fuaim- 
ean sonruichte  ann  a  tha  caomh  do  anam 
duine  ;  guthan  baigheil  a  thogas  suas  do 
chridhe  an  uair  a  tha  do  chridhe  fo  leon  ; 
dranndan  sheilleanan  anns  na  craobhan 
leamhain,  no  anns  na  crainn  theile  ;  seideadh 
anail  gaoth  na  h-oidhche  anns  an  luachair  ; 
cronanaich  nam  meanbh-bhiasdagan  anns 
an  fheur  ;  torman  nan  eas  agus  nan  allt  ;  sin 
na  h-6rain  agus  na  h-6rgain  de  nach  fhasar 
sgith.  Ged  nach  bu  mhaith  leam  a  radh  gu 
bheil  guth  binn  an  ceann  an  rocais  is  baigheil 
agus  is  aoibhneach  guth  an  rocais  air 
maduinn  earraich  agus  is  e  a'  toiseachadh 
air  neadachadh  ;  ach  fada  fada  na's  baigheile 
agus  moran  na's  binne  tha  guth  a'  ghille- 
Bhride,  oir  bha  mi  eolach  air-san  'n  am  oige, 
agus  a  h-uile  bliadhna  a  thig  e  anns  a'  Mhart 
tha  e  a'  toirt  chugam  beannachd  mo  dhaoine 
as  na  h-eileanan.  Cha  do  theoigh  mo  chridhe 
riamh  ri  coc-coc-coc  nan  coileach-fraoich ; 
ach  far  am  bi  an  coileach-fraoich  bidh  an 
fheadag,  agus  guileag  eile  as  milse  agus  as 
bronaiche  na  guileag  na  feadaig  cha  chualas 
riamh  air  monadh  no  machair.     Bidh  mi  air 


uairean  a'  saoilsinn  nach  'eil  coimeas  eile 
ann  do  dhurdan  a'  chalamain  anns  a'  Choille 
Bheithe  ach  na  plasdan  sin  a  bhios  na  dotair- 
ean  a'  cur  air  feoil  dhaoine  an  uair  a  bhios 
am  feoil  a'  Honnachadh.  Ged  bhiodh  tu  fo 
phramh,  agus  do  chridhe  trom,  tuitidh  coo- 
roo  iosal  a'  chalamain  air  do  chridhe  mar 
gu'm  biodh  plasd  o  laimh  an  Lighiche  ata 
shuas,  no  mar  gu'm  biodh  an  t-uisge  no  an 
druchd  air  fearann  tioram. 

An  guth  caomhail. 

Ach  ged  is  toigh  leam  eisdeachd  ri  gaoth 
is  uillt,  ri  feadagan  is  calamain,  is  fhearr 
leam  fuaim  a'  chluig  air  la  na  Sabaid  na  iad 
uile.  Sin  an  fhuaim  de  nach  fas  mi  sgith  gu 
brath  ;  guth  a  tha  labhairt  nithean  diomhair 
ri  m'  anam  a  h-uile  uair  a  chluinneas  mi  e. 

Cha  mhor  mhinistearan  air  nach  bi  faitch- 
eas  an  uair  a  dh'  eireas  iad  a  labhairt  air 
beulaibh  sluaigh  ;  bidh  crith  'n  an  guth  agus 
'n  an  gliiinean.  Dh'  fhairich  mise  an  t-eagal- 
cridhe  sin  mar  a  dh'  fhairich  daoine  eile, 
ach  is  e  an  leigheas  as  fhearr  a  fhuair  mi 
riamh  air  a  shon,  eisdeachd  ris  a'  chlag  an 
uair  a  thoisicheas  e  air  bualadh.  Tha 
cuimhne  agam  air  amannan  anns  an  robh  mo 
chridhe  a'  ploscartaich  agus  mi  dol  suas  gu 
tigh  an  Tighearna,  an  impis  leum  as  a  cho- 
chuU,  air  chor  agus  gu'm  bu  mhaith  leam 
teicheadh,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a  thoisich 
an  clag  agus  a  chuala  mo  chluas  an  fhuaim 
bhaigheil,  dh'  fhalbh  an  t-eagal  agus  a 
chrith,  is  chaidh  mi  an  ceann  na  seirbhis  le 
cridhe  foistinneach. 

Theagamh  gu'n  saoil  cuid  de  na  leughas 
an  duilleag  so  nach  robh  gnothuch  air  bith  aig 
a'  chlag  ris  an  t-saorsa  cridhe  is  inntinn  a 
fhuair  mi  ,agus  gur  h-ann  o  mhac-meanmainn 
na  h -inntinn  agam  fhein  a  thainig  iad.  Ach 
ciod  a  tha  ann  am  mac-meanmainn  na 
h -inntinn  ach  aon  de  na  buadhan  a  thug  Dia 
do'n  duine  a  chum  gu'm  biodh  e  comasach 
dha  na  feartan  leis  a  bheil  Dia  'g  a  chuartach- 
adh  fhaireachduinn,  agus  guth  Dhe  a 
chluinntinn  annta.  Chan  'eil  Dia  air  a 
chumhannachadh  ri  meadhonan  sonruichte 
ann  a  bhi  labhairt  ri  cridheachan  dhaoine  ; 
tha  fichead  is  ceud  is  mile  teachdaire"  aige 
leis  a  bheil  e  a'  labhairt  ri  clann  nan  daoine ; 
ciirsa  a  f hreasdail,  oibrichean  a'  chruthachidh, 
grian  is  gealach  is  reultan,  gaoth  is  ceo  is 
sneachd  ;  — tha  iad  uile  'nan  teachdairean 
agus  'n  an  seirbhisich  dha,  a'  deanamh 
'iarrtuis  agus  a'  coimhlionadh  a  thoile.  Agus 
car  son  nach  labhradh  e  ri  cridhe  duine  le 


ANNS  A'  CHATHAIR 


fuaim  a'  chluig !  Nach  'eil  e  a  cheart  cho 
coltach  gu'n  labhradh  Dia  ri  duine  le  clag  a 
thighe  fein  's  gu'n  do  labhair  e  ri  Daibhidh 
le  fuaim -siubhail  ann  am  muUach  chraobh 
nan  smeur ! 

Tha  clag  na  h-eaglais  a'  labhairt  riumsa 
ged  nach  bithinn  a'  dol  do'n  chubaid  idir. 
Tha  e  rud  beag  annasach  ri  radh,  ach  is  e  a' 
chuid  as  fhearr  learn  de'n  t-seirbhis  gle 
bhitheanta,  na  coig  mionaidean  m'  an  toisich 
i.  Is  toigh  learn,  an  uair  annamh  a  gheibh 
mi  cothrom  air  dol  do'n  eaglais  gun  mi  fhein 
a  bhi  a'  searmonachadh,  is  toigh  leam  dol  a 
steach  trath  ;  an  uair  a  thoisicheas  an  clag  air 
bualadh  tha  mo  chridhe  air  a  thoirt  fo 
chumhachd  an  t-saoghail  neo-fhaicsinnich 
ann  an  doigh  nach  bitheadh  e  air  a  thoirt 
ann,  ma  dh'  fhaoidte,  le  guth  duine.  Cha 
do  ghabh  mi  riamh  fadachd  gus  an  sguireadh 
an  clag  ;  is  ann  a  bha  e  daonnan  a'  sgur  ro 
luath,  oir  tha  e  a'  labhairt  sith  is  solas  ri  mo 
chridhe. 

Do  Thigh  an  Tighearna. 

Do  mhoran  dhaoine  chan  'eil  an  clag  ag 
radh  dad  ach  ag  innseadh  na  h-uaire  ;  gu 
bheil  an  t-am  aig  an  eaglais  dol  a  steach. 
Ach  do  dhaoine  eile  tha  e  a'  deanamh  tuill- 
eadh  is  sin  ;  tha  e  a'  cur  soluimteachd  air  an 
smuaintean  agus  air  am  faireachduinean  ; 
'g  an  deasachadh  air  son  seirbhis  an  De 
naoimh  a  dh'ionnsuidh  a  bheil  e  'g  an  gairm. 

Ann  an  sgir  shonruichte  as  aithne  dhomh 
bha  clag  na  h-eaglais  air  a  bhualadh  a  h-uile 
Sabaid  aig  ochd  uairean  's  a'  mhaduinn,  agus 
theagamh  gu  bheil  an  cleachdadh  maith  sin 
(oir  is  e  cleachdadh  maith  a  bha  ann)  air  a 
chumail  suas  fhathast  ann  an  sgirean  eile. 
Bha  bualadh  a'  chluig  a'  toirt  na  h-uaire  do 
na  h-uile  teaghlach  a  bha  mar  astar  da 
mhile  do'n  eaglais  ;  ag  innseadh  dhaibh  gu 
robh  an  t-am  aca  an  ciiisean  saoghalta  a 
leigeil  seachad  agus  deanamh  deas  gu  dol 
suas  do  thigh  an  Tighearna.  Ach  ar  leam 
gu  robh  feum  eile  ann  a  thuilleadh  air  sin  ; 
bha  e  a'  naomhachadh  na  Sabaid  do  na 
daoine  a  bha  cleachdte  ri  chluinntinn  o'n 
oige,  agus  a'  ceangal  an  cridheachan  ri 
nithean  naomh  is  maiseach  ;  bha  e  a'  toirt 
cuiridh  dhaibh  dol  suas  le  h-aoibhneas  do 
thigh  an  Tighearna  ann  an  cuideachd  a 
shluaigh. 

Maith  agus  Dona. 

Tha  cluig  nan  eaglaisean  mar  tha  guthan 
dhaoine,  maith  agus  dona  ;  cuid  dhiubh  anns 
a'  bheil  ceol  agus  cuid  dhiubh  nach  fhearr  na 
seann  tromb   bhriste,   no   an   ciombal  a  ni 


gleangarsaich.  Is  ann  de'n  t-seorsa  so  a 
tha  a'  chuid  mhor  de  na  cluig  a  tha  againn 
ann  an  eaglaisean  na  Gaidhealtachd ;  a 
thaobh  citiil  no  binneis  bha  cho  mhaith 
dhuit  a  bhi  bualadh  maide-buntata  air  seana 
phoit,  ach  air  a  shon  sin  tha  an  guth  cruaidh 
critheannach,  caomh  'n  ar  cluasan  fhein, 
agus  chan  'eil  uair  a  chluinneas  sinn  iad  nach 
diiisg  iad  smuaintean  'n  ar  inntinn  is  fair- 
eachduinean 'n  ar  cridhe  nach  bu  mhaith 
leinn  a  chall  air  son  an  t-saoghail. 

Ged  nach  h-abair  mi  gu  bheil  e  cho  dona 
droch  chlag  a  bhi  anns  an  tiir  ri  droch  shear - 
monaiche  a  bhi  anns  a'  chubaid,  bu  mhaith 
leam  clag  maith  fhaicinn  aig  a  h-uile  eaglais 
anns  an  diithaich,  agus  an  clag  a  bhi  air  a 
bhualadh  air  laithean  na  seachduin  cho 
maith  ri  la  na  Sabaid. 

An  fhianuis  fhollaiseach. 

An  diugh  chan  'eil  air  fhagail  ach  gle 
bheag  de  chomharraidhean  follaiseach  gur 
dtithaich  Chriosduidh  a  tha  ann  an  Albainn  ; 
gle  bheag  de  fhianuisean  air  na  nithean. ata 
neo-fhaicsinneach  agus  siorruidh  ;  tha  samh- 
chair  na  Sabaid  air  a  call  oir  tha  na 
rathaidean-mora  cho  trang  air  an  t-Sabaid 
's  a  tha  iad  Di-luain  ;  tha  aoradh-teaghlaich 
air  a  leigeil  seachad  leis  a'  mhor-chuideachd, 
agus  eadhon  altachadh  roimh  bhiadh — an 
fhianuis  mu  dheireadh  a  gheibhear  ann  an 
teaghlaichean  nach  ana-creidmhich  iad — 
tha  sin  fhein  an  diugh  air  dol  as  an  fhasan, 
air  chor  agus  gu  bheil  e  comasach  do  dhaoine 
laighe  agus  eirigh  o  mhoch  Di-luain  gu 
anmoch  Di-sathuirne  gun  aon  chleachdadh 
crabhach  fhaicinn,  no  aon  ghuth  a  chluinn- 
tinn a  chuireas  'n  an  cuimhne  gu  bheil  Dia 
air  neamh,  no  gu  bheil  saoghal  eile  ann. 
Theagamh  nach  biodh  anns  a'  chlag  ach 
guth  a'  glaodhach  anns  an  fhasach,  ged 
bhiodh  e  air  a  bhualadh,  ach  co  dhiu  cha 
ruigeadh  e  le  daoine  na  nithean  anns  an  do 
thogadh  iad  a  dhichuimhneachadh  gu 
buileacfi. 

Ach  ged  nach  biodh  ann  do  dhaoine  eile 
ach  fuaim  nach  diiisgeadh  barrachd  ionn- 
drainn  'n  an  cridhe  na  dudach  bata  no  fideag 
oillteil  nan  caraichean,  labhradh  e  ri  fior 
shluagh  an  Tighearna,  na  daoine  a  bhios  ag 
urnuigh,  agus  a'  togail  suas  an  cridheachan 
ri  Dia  fichead  uair  's  an  latha.  Agus  sin  na 
daoine  a  tha  cumaU  bed  na  diadhaidheachd 
anns  an  t-saoghal. 

Ciod  a'  chrioch  a  bhios  aig  a'  chogadh 
uamhasach  a  tha  maoidheadh  an  Roihn- 
Eorpa  uUe  a  chuir  'n  a  lasraichean  teine  ? 


ANNS  A'  CHATHAIR— MURCHADH  DOMHNULLACH— AIG  AN  UINNEIG 


Aig  Ni-maith  a  tha  brath,  ach  bidh  e  air 
uairean  a'  tighinn  a  steach  orm  nach  bi  an 
uine  fada  gus  an  tuit  Uachdaran  an 
dorchadais  as  a  sheasamh  le  cion  analach, 
agus  an  sin  thig  an  latha  a  chunnaic  Pol 
fada  air  falbh,  an  la  anns  an  toir  na  naoimh 
breith.     Agus  an  uair  a  chuirear  na  naoimh 


air  cathair-breitheanais,  sealbhaichidh  na 
daoine  macanta  an  talamh  mar  oighreachd. 
An  uair  a  thig  an  la  beannaichte  sin 
buailear  na  eluig  aon  uair  eile,  agus  bithidh 
Tearuinteachd  do'n  t-sluagh  air  a  sgriobhadh 
air  an  dara  taobh  dhiubh  agus  Naomhachd 
do'n  Tighearn  air  an  taobh  eile. 


.  Murchadh  D6mhnullach  nach  maireann 

Le   Calum  MacOill-eathain,  ALA.,  an   Toisigheachd. 


ANN  an  toiseach  an  Fhoghair  chaochail  an 
duine  grinn  so,  ach  ged  nach  d'fhuatr  e  an 
run  a  bha  'n  a  chridhe  a  chur  an  gniomh,  tha 
e  fior  aii'idh  air  a  bhi  air  ainmeachadh  anns 
na  duilleagan  Gaidhlig,  oir  bha  e  'g  a 
ullachadh  fein  air  son  dreuchd  na  minis- 
trealachd. 

Rvigadh  is  thogadh  e  an  Cro  Leatha,  an 
Leodhas,  ach  a  thaobh  's  nach  robh  e  laidir 
'n  a  bhalach,  agus  nach  robh  sgoil  dltith  dha 
cha  robh  e  la  riamh  an  sgoil.  Fhuair  e  aig 
leac  an  teinntein  aig  athak  na  fhuair  e 
riamh  de  sgoil,  ach  air  a  shon  sin  bu  tearc 
iad  'n  a  latha  's  an  Eilean  Fhada  aig  an 
robh  eolas  Mhurchaidh,  an  t-eolas  air  a  bheil 
eolas  cinn  ach  air  an  fhearr  a  thig  eolas 
leabhraichean. 

Bha  e  deidheil  air  ministearan  is  searmoin 
o  bha  e  beag.  Chan  fhaiceadh  e  ministear 
ach  cor-uair,  is  docha  tri  uairean  's  a' 
bhliadhna.  Bha  an  t-agh  air  gu'n  robh 
Mghr  MacNaoimhein  an  Uig  agus  e  fas  suas, 
agus  an  duine  beag  a  thachradh  ris  an  duine 
mhor  sin  gheibheadh  e  gradh  is  eolas  lorn -Ian. 
"  An  uair  a  bha  mise  6g,"  arsa  OUamh  rium, 
"  cha  robh  a  dhith  oirnn  air  son  sgoil  ach 
duine  aig  an  robh  fhios  air  rud  agus  balach 
agus  e  air  son  fios  a  bhith  aige  air  rud." 
Ma  ta,  bha  sgoil  na  diadhachd  air  son  la  no 
dha  gach  bliadhna  an  Ceann  Loch  Reiseasort; 
agus  an  uair  a  dh'fhalbhadh  Mghr  Mac- 
Naoimhein coir  bhiodh  a  shearmoin  aig 
Murchadh ! 


Cionnus,  arsa  am  Facal,  a  chreideas  iad 
mur  cluinn  iad  agus  cia  mar  a  chluinneas  iad 
gun  searmonaiche  ? 

Thainig  Murchadh  gu  bhi  creidsinn,  agus 
gu  bhi  fas  ann  an  gras  agus  ann  an  eolas 
ar  Tighearn  losa  Criosd.  Rinn  e  feum  de  na 
chual  e,  agus  rinn  e  uidhir  eile  de  na  leugh  e. 

An  uiridh  rinn  e  sgioblachadh  air  son  a 
dhol  do'n  Oil-thigh  agus  e  air  son  a  bhi  'n 
a  mhinistear.  B'eigin  dha  tarruinn  air  ais 
agus  na  dorsan  fosgailte.  Thainig  air  a  dhol 
fo  churam  dhotairean  agus  mu  dheireadh 
chuireadh  fo  operation  an  Stornabhagh  e. 
Agus,  sgeul  a'  bhroin,  cha  do  shoirbhich  leis 
a'  chilis  bu  mhiann  le  daoine,  agus  chaochail 
e  air  an  ochdamh  la  de'n  Lunasdail. 

Bha  an  toil  aig  Murchadh  ;  agus  thairg  e 
na  bha  aige.  Cha  robh  an  t-slainte  aige. 
Ach  CO  air  nach  deanadh  an  toil  agus  an 
dicheall  a  rinn  e  agus  a  threubhantas, 
drtiidheadh.  Cha  robh  broinein  gun  uallach 
air. 

Bha  e  air  aithris  mu  na  Ceiltich  o  shean 
gu'm  bu  ghaisgeil  na  daoine  iad,  an  uair 
a  thuiteadh  fear  ghrad  leumadh  fear  eile  's 
a'  bhearna-baoghail  'n  a  aite.  Agus  c6  aige 
tha  fhios  nach  tig  an  la  fhathast  anns  am 
faicear  gille  eile  ag  eirigh  le  bratach  Mhurch- 
aidh agus  e  deanamh  an  ni  ud  a  bha  an 
cridhe  Mhurchaidh  a  chum  giou'  Dhe. 

Bu  laghach  an  t-6igfhear  Murchadh 
DomhnuUach. 


Aig  an  Uinneig 


AN  drasd  's  a  ris  bithidh  caraid  a'  cur  chugam 
An  Raidheachan  Soisgeidach,  leabhar  a  tha 
air  a  chur  a  mach  ceithir  uau-ean  's  a' 
bhliadhna  le  buidheann  de  sgoilearan  aig  a 
bheil  taobh  ris  an  teagasg  a  bha  aig  Aith- 
richean  Rois,  teagasg  ris  nach  do  dhealaich 
an  Eagiais  Shaor  fhathast.  Tha  an  Raidh- 
eachan Soisgeulach   air  a  dheasachadh   leis 


an  Ard  OUamh  Domhnull  MacGill-eathain,  an 
Dim-eideann,  agus  naoi  no  deich  de  luchd- 
cuideachaidh  a  iomadh  diithaich,  agus  chan 
'eil  e  uair  air  bith  a'  tighinn  a  mach  gun  rud 
ann  as  fhiach  a  leughadh.  Anns  an  aireamh 
mu  dheireadh  tha  seanchas  ciallach  ann  mu 
chuspau-  no  dha  a  bhuineas  an  dara  cuid  do 
sgoilearachd  a'  BhiobuiU,  no  do  bheatha  a' 


AIG  AN  UINNEIG 


chreidmhich,  ach  is  e  a  thug  orm  tarruing  a 
thoirt  air  an  drasd,  gu  bheil  iomradh  fada 
agus  cothromach  ann  air  a'  gheur-leanmhuinn 
a  rinneadh  air  na  h-Iudhaich  anns  na 
linntean  o  shean. 

Tha  na  h-Iudhaich  'n  an  sluagh  iongantach, 
agus  feumaidh  e  bhith  gu  bheil  obair 
shonraichte  aca  ri  dheanamh  anns  an 
t-saoghal  fhathast  ann  am  freasdal  Dhe, 
oir  ged  tha  lamh  gach  rioghachd  'n  an 
aghaidh  tha  iad  cho  laidir  's  a  bha  iad  riamh. 
Ach  am  measg  an  luchd-saruchaidh  thug 
Hitler  barr  air  each  uile. 


An  t-Urramach  Artur  H.  Dunnett,  B.D. 

Tha  iomadh  bliadhna  o  nach  d'thainig  call 
cho  mor  air  Eaglais  na  h-Alba  's  a  thainig 
oirnn  le  bas  Mghr  Dunnett,  duine  feumail  a 
bha  suas  ri  ghnothuch  agus  a  bha  daonnan 
a'  toirt  an  aire  air  a  ghnothuch.  Bha  e  'n 
a  f  hear  de  na  cinn  a  tha  aig  an  eaglais  ann 
an  Dun-eideann,  a'  riaghladh  thairis  air  a 
h- obair  aig  an  tigh.  Thoisich  e  air  riaghladh 
gu  maith  trath  'n  a  bheatha,  agus  bha 
ughdarras  mor  'n  a  laimh,  ach  cha  do  mhill 
sin  an  duine  iriosal  a  bha  ann  gu  nadurra, 
is  bha  e  cho  companta  agus  cho  falamh  de 
mhorchuis  anns  na  bliadhnachan  mu  dheir- 
eadh,  'n  a  shuidhe  anns  a'  chathair  as  airde 
ann  an  121  Sraid  Sheorais,  's  a  bha  e  an 
uair  a  bha  e  'n  a  ghille-frithealaidh  aig  Mghr 
Dunlop.  Seirbhiseach  cho  ceart  agus  cho 
glic  agus  cho  neo-thruaillidh  's  a  bha  aig 
an  eaglais  riamh  ;  duine  gun  sodal,  gun 
bhrosgul,  gun  charachd  ann,  b'  e  sin  Mghr 
Dunnett.  'N  a  fhacal  agus  'n  a  riaghladh 
agus  'n  a  dhoighean  bha  e  cho  direach  agus 
cho  cinnteach  ris  an  t-slait-thomhais. 

Ged  nach  robh  boinne  de  fhuil  nan 
Gaidheal  ann  bha  taobh  blath  aige  ris  a' 
Ghaidhealtachd,  agus  eud  mor  a  thaobh 
obair  na  h-eaglais  anns  a'  Ghaidhealtachd 
agus  anns  na  h-Eileanan,  air  an  robh  e  gu 
maith  eolach.  A  h-uile  samhradh  bhiodh  e 
mios  anns  a'  Ghaidhealtachd,  an  aite-eigin 
a'  searmonachadh  eadar  eilean  I  agus  abhainn 
lubh.  Bha  e  'n  a  charaid  maith  agus  'n  a 
chomhairliche  maith  do  mhiossionaraidhean 
na  Gaidhealtachd. 


DomhnuU  MacLeoid,  nach  maireann. 

Chaochail  an  duine  gasda  so  ann  a' 
Bhatarnis  anns  an  Eilean  Sgitheanach. 
Thainig  e  gu  ruige  Trumpain  o  chionn  deich 
bliadhna  air  dha  fearann  ur  a  ghabhail  anns 
an  aite  sin.  Bhuineadh  e  do  Phaible,  an 
Uidhist  a  Tuath.  Bu  duine  e  air  an  robh 
mor  mheas  ann  an  Uidhist  agus  anns  an 
Eilean  Sgitheanach,  oir  bha  e  coibhneil, 
cothromach  na  ghne  ;  bu  duine  e  mar  an 
ceudna  bha  seimh,  socair,  agus  modhail,  nach 
togadh  a  ghuth  ro  ard  as  a  leth  fhein.  Leugh 
e  moran  agus  bha  e  air  leth  tuigseach  agus 
farsuinn  'n  a  inntinn.  Bha  e  'n  a  eildeir  ann 
an  sgire  Phaible,  agus  choimhlion  e  an 
dreuchd  cheudna  le  mor  chliii  ann  an 
coimhthional  Bhatarnis.  Duine  coir,  grinn, 
air  am  bi  mor  ionndrainn  ann  an  Uidhist 
agus  an  Eilean  a'  Cheo. 

Facal  Dhe 

AN  uair  a  bha  an  t-OUamh  Urramach 
Gilleasbuig  DomhnuUach  'n  a  mhinistear 
6g  thug  Tearlach  Grey  Spittal,  a  bha  'n  a 
Shiorram  an  Steornabhagh,  Biobull  Beurla 
dha  a  bha  air  a  chur  an  clodh  an  1679.  Air 
clar-toisich  a'  BhiobuiU  bha  rannan  Beurla 
air  an  sgriobhadh,  rannan  a  ghleidh  an 
t-OUamh  DomhnuUach  aig  a  laimh  fad  tri 
fichead  bliadhna.  0  chionn  seachduin  no 
dha  thainig  e  thairis  orra,  is  chuir  e  an 
Gaidhlig  iad  gu  bhi  air  an  toirt  am  foUais  air 
an  duilleig  so. 

An  so  tha  sruth  an  uisge  bheo, 

Bheir  iirachadh  nach  treig  ; 
An  so  tha  craobh  an  eolais  f hior, 

Bheir  teagasg  dhuit  'n  ad  fheuni. 

An  so  tha  'm  Breitheamh  uile  ghHc 

A'  reiticheas  gach  stri  ; 
An  so  tha  'n  Ion  a  bheathaicheas, 

'S  nach  teirig  dhuit  a  chaoidh. 

An  so  tha  Sgeul  an  aoibhneis  mhoir 
Tigh'nn  gu  do  chridh'  le  buaidh, 

Do  dhaingneach  laidir  is  do  sgiath 
Gu  d'  dhion  's  gach  uile  chruas. 

Mar  sin  na  bi-sa  ann  ad  ghniomh 
Mar  ainmhidh  dall  gun  cheill, 

A  shaltras  air  an  neamhnaid  ghrinn 
'S  tha  thlachd  's  an  amar  bhreun, 

Leugh  so  a  mhain  le  fradharc  glan 

Is  ionracas  gun  gho, 
Ag  iirnuigh  air  son  gras  do  Dhe 

Chum  tuigsinn  mar  is  c6ir. 


^9P^^<iiS^ 


Aireamh   1 1 


1940 


Aig  do  dhorus 


Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  an  Tigh-an-uillt. 

Feuch,  tha  mi  am  sheasamh  aig  an  dorus  agus  a'  bualadh ;   ma  dh'  eisdeas  neach 

sam  bith  ri  m'  ghuth,  agus  gu'm  fosgail  e  an  dorus,  thig  mi  a  steach  d'a  ionnsuidh, 

agus  gabhaidh  mi  mo  shuipeir  maille  ris,  agus  esan  maille  rium-sa. 

Taisbean,  iii.  20. 


MA  chi  thu  uair  air  bith  gu  bheil  duine 
ann  an  cunnart  tha  thu  a'  glaodhach  ris  air 
son  gu'm  bi  e  furachail  's  gu'n  seachain  e  an 
cunnart. 

Tha  Dia  gle  thric  a'  glaodhach  ri  mac  an 
duine  nuair  tha  e  air  thuar  tuiteam  ann  am 
peacadh  no  ann  am  buaireadh.  Feuch! 
Feuch ! 

Tha  Dia  'na  sheasamh  aig  dorus  gach  aon 
againn  's  tha  e  a'  bualadh  air  iomadh  doigh. 
Aig  cuid  de  dhorsaibh  tha  e  a'  bualadh  gu 
socair  ciuin.  Aig  cuid  eile  tha  e  a'  bualadh 
gu  math  cruaidh.  Nuair  tha  aon  do'n  d' 
thug  thu  gr^dh  air  a  mharbhadh  's  a' 
chogadh,  air  muir  no  air  tir,  no  a'  siubhal 
aig  an  tigh,  tha  Dia  an  sin  a'  bualadh  aig 
do  dhorus.  Tha  cuid  ann  's  chan  'eil  suim 
aca  do  nithean  spioradail  gus  am  buail  Dia 
gu  math  cruaidh  aig  an  dorus  aca  leis  a' 
bhas  ;  an  sin  tha  iad  air  an  dusgadh,  's 
tha  iad  a'  guidhe  air  Dia  air  son  cobhair 
agus  trocair. 

Tha  neach  eile  ann  's  nuair  bha  e  l^idir 
treun  cha  sealladh  e  air  eaglais,  's  cha  robh 
e  a'  faicinn  feum  ann  an  aoradh  no  ann  an 
tirnuigh,  ach  nuair  tha  e  air  a  leagail  sios  le 
tinneas  craiteach  sgitheil  their  e  riut  "  Ma 
chaomhnas  Dia  mi  air  an  turus  so,  cha  bhi 
mi  cho  mi-shuimeil  tuille  mu  mheadhonan 
nan  gr^s."  Nach  'eil  e  feumail  gu'm  biodh 
na  daoine  sin  air  an  dusgadh  air  doigh  air 
choireigin  a  chum  gu'n  cluinn  iad  Dia  a' 
labhairt  riu,  agus  a'  bualadh  aig  an  dorus  aca  ! 

Bho  chionn  ghoirid  chuala  mi  mu  sheann 
duine  a  bha  a'  furreach  leis  fein.  Aon  latha 
chan  fhaca  na  coimhearsnaich  a  mach  mu'n 
cuairt  e,  ni  mo  a  chunnaic  iad  ceo  as  an 
luidheir  aige  ;  dh'fheuch  iad  an  dorus  ach 
bha  e  glaiste  ;  an  sin  ghairm  iad  air,  air 
ainm,  agus  bhuail  iad  an  dorus  gu  math, 
ach  cha  d'  fhuair  iad  freagairt.  Mu  dheireadh 
chuir  iad  a  stigh  an  dorus  romhpa  's  fhuair 
iad  marbh  gun  chrith  anns  an  leabaidh  e. 

Car  son,  mata,  nach  cuireadh  Criosd  a 
stigh  roimhe  dorus  a  chridhe,  oir  tha  l^n 
choir  aige  air,  nach  e  fein  a  rinn  's  a  dhealbh 
e !     Ged  dheanadh  e  sin  ciod  e  an  tlachd  a 


bhiodh  aige  ann  an  aite  far  nach  robh  iarraidh 
air.  Cha  bhiodh  na  h-aoidhean  eile  a  tha 
stigh  toilichte  no  socair  'na  chuideachd. 
Dh'  fhag  e  gach  duine  aig  saorsa  a  thoile 
fein,  agus  cha  teid  e  gu  brath  a  steach  le 
lamhachas-laidir  mur  faigh  e  Ian  chuireadh, 
's  gu'm  bi  an  dorus  air  fhosgladh  dha. 

Tha  mi  cinnteach  gu'n  cual  a  chuid  mhor 
a  leughas  na  briathran  so  iomradh  air  an 
dealbhadair  Holman  Hunt.  Tharruing  e  aon 
uair  dealbh  agus  ged  nach  tarruingeadh  e  te 
eile  gu  brath  tuille  cha  rachadh  ainm  air 
dith-chuimhne.  Chi  thu  anns  an  dealbh  sin 
Criosd  'na  sheasamh  aig  an  dorus  's  lochran 
laiste  aige  ann  an  aon  laimh,  's  leis  an  te 
eile  tha  e  a'  bualadh  aig  an  dorus. 

Tha  e  air  radh  gu'n  do  leig  e  fhaicinn  an 
dealbh  so  do  charaid  feuch  am  faigheadh  e  a 
bheachd  oirre.  Shaoil  e  gu'n  robh  e  sonruichte 
math,  ach  bha  e  a'  faicinn  aon  ni  'ga  dith, 
cha  robh  dimadh  idir  air  taobh  a  mach  an 
doruis.  "0,"  ars  an  dealbhadair,  "  's  ann  air 
an  taobh  a  stigh  a  ta  an  dimadh,  agus  's 
ann  o'n  taobh  a  stigh  a  dh'  fheumas  an 
dorus  a  bhi  air  fhosgladh."  Mar  sin  feumaidh 
Criosd  seasamh  gu  foidhidneach  aig  an  dorus 
gus  am  bi  e  air  fhosgladh  o'n  taobh  a  stigh. 
Cho  fhad  's  a  bhios  anail  a  stigh  cha  chaill 
esan  a  dhochas. 

Gle  thric  tha  aoidhean  eile  stigh,  's  tha 
iad  air  an  doigh  gu  math  ;  chan  'eil  iad  'g  a 
iarraidh,  's  mar  sin  tha  iad  a'  toirt  cluas 
bhodhar  dha.  ' '  Feuch  tha  mi  'n  am  sheasamh 
aig  an  dorus  agus  a'  bualadh." 

An  gealladh. 

"  Ma  dh'fhosglas  neach  air  bith  an  dorus 
thig  mi  a  steach  agus  gabhaidh  mi  mo 
shuipeir  maille  ris,  agus  esan  maille  ruim-sa." 

Nuair  tha  an  dorus  air  fhosgladh  tha  na 
h-aoidhean  eile  a'  teicheadh  a  mach,  's  tha 
Criosd  a'  dol  a  steach.  Ann  an  iiine  ghoirid 
tha  atharrachadh  mor  air  a'  chridhe  ud,  's 
tha  sith  is  solas  ann  nach  robh  ann  riamh 
roimhe. 

Ach  cuimhnich  nach  tig  e  gu  brath  a 
steach    mar    aon    de    na    h-aoidhean    eile  : 


AIG  DO  DHORUS— CEANNAIRCEACH  AGUS  AM  BIOBULL 


feumaidh  e  a'  cheud  aite  fhaotainn,  an 
seomar  uachdrach.  Ma  chuireas  tu  an  sin 
e,  tha  gach  ni  mar  is  coir.  C'aite  bheiL 
Criosd  an  diugh  'na  do  bheath-sa  ?  a  bheil 
e  's  an  t-seomar  uachdrach,  no  bheil  a  cheann 
fliuch  le  dealt  na  h-oidhche  's  e  'n  a  sheasamh 
a  muigh,  a'  bualadh  aig  an  dorus  ? 

An  t-Suipear  bheannaichte. 

Tha  mi  a'  smuaineachadh  nach  'eil  aite 
eile  ann  far  an  driiidh  na  briathran  so  air 
cridhe  duine  mar  dhrtiidheas  iad  aig  bord  a' 
Ch  omanachaidh . 

Tha  am  bord  cuirnichte  ;  tha  na  samh- 
laidhean  air  an  caradh  air ;  tha  e  air  a 
chuartachadh  ;  tha  gach  smuain  agus  gach 
cridhe  togta  suas  ;  tha  aoibhneas  a'  lasadh 
suas  anns  gach  gniiis. 

"  So  fdin  an  la  a  dh'orduich  Dia, 

'8  am  hi  sinn  suilbhir  ait ; 

Fdir,  guidheam,  guidheam  ort,  a  Dhe' 

Nis  soirbhich  leinn  gu  pailt." 

'S  e  an  sluagh  a  chual  a  ghlaodh  's  a  dh' 
fhosgail    an    dorus    dha,    tha    cruinn    mu'n 


bhord.  Bhlais  iad  gu  bheil  an  Tighearn 
grasmhor,  's  tha  an  coimhcheangal  ris  air  a 
dhaingneachadh  aig  a'  bhord.  Tha  iad  a' 
faicinn  nan  samhlaidhean  fan  comhair,  's 
tha  iad  ag  iocadh  am  boid  do  Dhia  as  tir. 
Mar  tha  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad  tha 
iad  a'  dol  o  neart  gu  neart  gus  an  nochdar 
iad  fa  dheoidh  ann  an  lathair  Dhe  nam  feart. 

Am  biadh  mu  dheireadh. 

'Sea  shuipeir  am  biadh  mu  dheireadh  a 
ghabhas  duine  mu'n  teid  e  a  chadal.  Tha 
gach  comanachadh  a  tha  dol  seachad  'na 
shuipeir  mu  dheireadh  do  chuideigin.  C'aite 
an  diugh  a  bheil  an  neach  a  bha  ri  do  thaobh 
aig  a'  Chomanachadh  mu  dheireadh.  Ghair- 
meadh  dhachaidh  e  's  tha  e  a'  triall  romhainn 
air  an  t-slighe  gu  tir  an  aigh.  Chan  fhaic 
sinn  aig  Suipeir  an  Tighearn  gu  brath  tuille 
air  an  talamh  e,  ach  an  uair  a  bhriseas  an 
la  'sa  theicheas  na  sgailean  bidh  e  maille  ri 
Criosd  ann  an  gloir  far  nach  bi  dealachadh 
no  eadar-sgaradh  na's  mo.  "  Gabhaidh  mi 
mo  shuipeir  maille  ris  agus  esan  maille 
riumsa." 


Ceannairceach  agus  am  BiobuU 


Le  8.M. 


THEAGAMH  gu'n  cual  a  h-uile  duine  a 
leughas  an  duilleag  so  mu'n  ar-a-mach  a 
rinn  sgioba  na  luinge,  Toirbheartas,  bho 
chionn  corr  agus  seachd  fichead  bliadhna, 
nuair  a  chuir  iad  an  sgiobair  agus  ochd  duine 
deug  ann  an  geola  bhig  agus  a  leig  iad  air 
falbh  iad  air  iomadan  air  a'  chuan.  Chaidh 
na  ceannaircich  air  th-  an  Tahiti,  is  thuinich 
iad  anns  an  eilean  sin. 

An  ceann  bliadhna,  air  eagal  gu'n  tigeadh 
totr  air  agus  gu'n  rachadh  a  chur  an  sas, 
dh'  fhag  Fletcher  Christian  an  t-eUean,  is 
chaidh  e  fada  anns  an  aird  an  ear-dheas  gu 
eilean  a  b'  iomallaiche.  Thug  e  leis  naoi 
seoladairean  Breatunnach,  sia  daoine  dubha, 
agus  dha  dheug  de  mhnathan  dubha  ;  agus 
m'  an  deachaidh  iad  air  tir  chuir  iad  toll 
anns  an  luing  is  chaidh  i  fodha. 

Eadar  tinneas  agus  an  ruidhtearachd  fein 
cha  d'  fhuair  na  daoine  geala  ach  saoghal 
goirid  anns  an  eilean ;  an  ceann  naoi 
bliadhna  cha  robh  beo  ach  aon  duine  geal, 
coignear  de  na  boirionnaich  dhubha,  agus 
naoi  deug  de  chloinn. 

An  sin  thoisich  am  Breatunnach  ud,  Iain 
Adams,  air  eagal  a  ghabhail  oir  chunnaic  e 
gu  soiUeir  nach  robh  air  thoiseach  air  ach 
am  bas. 


An  la  na  h-6iginn. 

An  sin  thug  e  lamh  air  a'  Bhiobull ;  ged 
nach  robh  e  fhein  no  a  chompanaich  a' 
riaghladh  am  beatha  le  teagasg  a'  Bhiob- 
uill,  lean  Fletcher  Christian,  ceann-feadhna 
nan  ceannairceach,  ris  an  leabhar  fad  na 
h-ixine.  Gus  mo  naidheachd  a  ghiorrachadh 
rinn  am  Biobull  duine  tir  de  Iain  Adams, 
agus  chan  e  mhain  gu  robh  e  fhein  air 
atharrachadh  ach  bha  each  air  an  athar- 
rachadh  cuideachd.  Fad  dheich  bliadhna 
fichead  bha  e  'n  a  cheann  agus  'n  a  aodhair 
thairis  orra,  'g  an  teagasg  ann  an  eolas  na 
Firinn  agus  a'  riaghladh  an  eilein  a  reir 
laghannan  a  bha  air  an  tarruing  as  a'  Bhiob- 
uU. 

M'  an  do  chaochail  e  ghairm  e  cinn  nan 
teaghlaichean  'g  a  ionnsuidh  agus  shonraich 
e  aon  dhiubh  gu  bhi  'n  a  cheann  air  an 
eilean. 

Eilean  Pitcairn. 

Sin  an  t-eilean  ris  an  abrar  eilean  Pitcairn 
an  diugh,  eilean  a  bhuineas  do  Bhreatunn 
a  nis,  agus  is  ann  o  sgioba  na  luinge  ud  a 
thainig  na  daoine  a  thrs  anns  an  eilean.  Bha 
iad  uile  air  dol  as  an  t-seaUadh  mur  b'e 
gu'n  d'  fhosgail  Iain  Adams,  an  seoladair 


CEANNAIRCEACH  AGUS  AM  BIOBULL 


neo-dhiadhaidh  ud,  am  Biobull  'n  a  eiginn, 
agus  gu'n  d'  fhuair  e  ann  a'  bheatha  agus  an 
gliocas  a  tha  o  shuas. 

Tha  a'  cheart  chumhachd  so  anns  a' 
Bhiobull  an  diugh  fhathast,  is  chithear 
na  nithean  tha  e  a'  deanamh  anns  na 
laithean  so  fhein.  Bho  chionn  ghoirid  reic 
missionaraidh  ann  an  ceann  a  Deas  America 
Biobull  ri  boirionnach  a  cheannaich  an 
leabhar  a  chionn  gu  robh  e  saor.  Chuir  i  air 
an  sgeilp  e,  far  an  robh  e  an  nine  bheag  air 
a  chomhdachadh  le  stiir  is  salchar.  An  sin 
bha  e  air  a  thilgeadh  a  mach  air  an  dunan, 
far  an  do  thoisich  na  duilleagan  air  cnamh. 
La  de  na  laithean  thainig  ban-choimhearsnach 
'g  a  faicinn  agus  paisde  aice.  Bha  am  paisde 
a'  cluicheachd  mu'n  cuairt  an  dimain ; 
faicear  an  leabhar  ud  air  an  dimain  is  togar 
e.  Chaidh  i  a  steach  leis  is  dh'  fhaighnich 
i  am  faodadh  i  a  thoirt  dhachaidh  leatha. 
Thubhairt  am  boirionnach  gu'm  faodadh, 
oir  nach  robh  feum  air  bith  aice-se  air.  An 
uair  a  chaidh  4ad  dhachaidh  sheall  mathair 
na  caileig  air  an  leabhar,  agus  is  e  an  smuain 
a  thainig  'n  a  h-inntinn  gu'm  biodh  na 
duilleagan   gasda   a   dheanamh   cigarettes. 

Sin  mar  bha  ;  bhiodh  i  a'  sracadh  duUleig 
as  a'  Bhiobull  a  h-uUe  uair  a  dheanadh  i 
cigarette  dhi  fhein.  La  a  bha  i  a'  sracadh  an 
leabhair  thug  an  duine  aice  as  a  laimh  e  a 
dh'  fhaicinn  ciod  an  seorsa  leabhair  a  bha 
ann,  no  ciod  a  bha  air  a  sgriobhadh  ann. 
Labhair  an  Spiorad  Naomh  a  tha  anns  an 
Fhacal  ri  cridhe  an  duine,  is  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  bha  e  fhein  agus  a  chompanach 
— duine  ain-diadhaidh  eile — air  an  iom- 
pachadh.  Dhearbh  Facal  an  Tighearn  orra 
am  peacaidhean,  ach  fhuair  iad  anns  na 
duilleagan  sracte  eolas  air  shghe  na  slainte, 
is  ghabh  iad  ris  an  t-saorsa  a  tha  Dia  a' 
tairgsinn  dhuinn  ann  an  Criosd.  Bha  iad 
air  an  cur  air  leth  mar  fhoirbhich  anns  a' 
cheud  eaglais  a  chuireadh  air  chois  anns 
an  aite,  is  shaothraich  iad  gu  dileas  ann  an 
seirbhis  an  Tighearn  ;  gun  mhissionaraidh 
eUe  'g  an  teagasg  ach  a  mhain  an  Spiorad 
Naomh  a  tha  labhairt  anns  a'  Bhiobull, 
bha  iad  air  an  toirt  a  steach  do  rioghachd 
Dhe. 

An  Fhianius  shiorruidh. 

Tha  fianuis  d'a  fhirinn  fein  ann  am  Facal 
Dhe ;  ciod  air  bith  canain  a  thionndar 
innte  e  labhraidh  e  ri  coguis  dhaoine  a 
leughas  e.  Bheir  e  air  daoine  seasamh  an 
lathair  Dhe  agus  iad  fein  fhaicinn  an  solus 
a  lagha-san.  Cluinnidh  iad  an  coguis  fein 
a'  labhairt  ann,  'g  an  diteadh.  Ach  an  uair 
a  dhiteas  e  iad,  an  sin  togaidh  e  suas  m'  an 


coinneamh  an  Slanuighear  a  chuir  Dia  do'n 
t-saoghal  'g  an  te^rnadh. 

Ach  gus  tUleadh  gu  eilean  Phitcairn,  dh' 
fhas  muinntir  an  eilein  na  bu  lionmhoire 
(bha  mu  choig  fichead  anam  ann),  is  dh' 
fhas  am  Biobull  a  bha  aca  an  urram  agus 
an   cumhachd. 

Thoisich  bataichean  a  bhiodh  a'  dol 
seachad  air  an  eilean  air  tadhall  ann,  a  chur 
seachad  na  Sabaid  agus  a  ghabhaU  pairt 
ann  an  aoradh  Dhe.  B'  ann  leis  a'  bhan- 
traich  aig  Fletcher  Christian  a  bha  am 
Biobull,  ach  bha  an  clodh  meanbh  agus  a 
seaUadh  a'  dol  air  ais.  Mar  sin  rinn  i  iomlaid 
ri  sgiobair  a  bha  air  soitheach  Americanach  ; 
ghabh  esan  an  Biobull  anns  an  robh  an 
clodh  meanbh  is  thug  e  dhi  Biobull  a  bha 
aige  le  clodh  garbh  a  b'  fhasa  dhi  leughadh. 
An  uair  a  chaidh  e  air  ais  a  dh'  America 
thug  e  am  Biobull  aig  Fletcher  Christian  do 
mhiaistear  araidh,  am  Boston.  Chuir  esan 
clair  lira  air,  agus  thug  e  e  do'n  leabhar-lann 
an  New  York,  far  a  bheil  e  a  nis  air  a 
ghleidheadh  gu   sabhailte. 

Gun  choimeas  ris. 

Chan  'eU  leabhar  air  an  t-saoghal  an  diugh 
a  tha  air  a  leughadh  le  uiread  dhaoine  ris 
a'  BhiobuU.  Ged  tha  cleachdanna  dhaoine 
ag  atharrachadh  chan  'eil  cumhachd  a' 
Bhiobuill  ag  atharrachadh,  no  aireamh  nan 
daoine  a  tha  'g  a  leughadh, — ^righrean  is 
ceaird,  uachdarain  is  iochdairean,  sgoUearan 
is  daoine  gun  sgoU,  seann  daoine  is  daoine 
oga,  ministearan,  clachairean,  cleirich.  Leugh- 
ar  e  anns  a'  phriosan,  leughar  e  ann  an 
seomar  an  Righ.  B'  abhaist  do  Alecsandra 
nach  maireann,  mathair  Righ  Deorsa,  a 
clann  a  chruinneachadh  timchioU  oirre  air 
feasgar  Sabaid  a  sheinn  laoidhean  Shankey  ; 
an  uair  a  bha  an  Righ  'n  a  bhalach  gheall 
e  dhi  gu'n  leughadh  e  caibideal  de'n  Bhiobull 
a  h-uile  latha. 

Ceasnaich  thu  fein. 

Tha  mi  cinnteach,  a  leughadair,  gu  bheil 
BiobuU  agad-sa  dhuit  fein.  A  bheil  thu  'g 
a  leughadh  ?  Sin  an  gnothuch.  Chuala 
mi  mu  ghUle  6g  a  bha  cho  eolach  air  litir 
a'  Bhiobuill  's  gu  robh  e  an  diiil  nach  robh 
feum  ann  dha  leantuinn  air  a  leughadh. 
Ach  leth- cheud  bliadhna  'n  a  dheidh  sud 
bha  e  fhathast  'g  a  leughadh',  'g  a  rann- 
sachadh,  agus  'g  a  shearmonachadh,  agus 
a'  faotainn  ann  saoibhreas  grais  agus 
gHocais.  An  uair  a  sgriobh  Pol  gu  Timoteus 
thubhairt  e  ris,  "  O  bha  thu  ad  leanabh  b' 
aithne  dhuit  na  sgriobturan  naomha  a  tha 


CEANNAIRCEACH  AGUS  AM  BIOBULL— NA  TRI  LEABHRAICHEAN 


comasach  air  do  dheanamh  glic  chum 
slainte  tre  'n  chreideamh  a  tha  ann  an  losa 
Criosd"   (2  Tim.  iii.   15). 

An  teachdaireachd  so. 

Sin  an  teachdaireachd  a  bu  mhaith  leam 
a  thoirt  do  luchd-leughaidh  na  duilleig  so, 
gur  ann  tre  Fhacal  Dhe,  agus  tre  shoili- 
seachadh  an  Spioraid  Naoimh,  a  tha  daoine 
air  an  tarruing  gu  losa  Criosd  agus  a'  faotainn 
beatha   nuadh    bhuaith. 

Ma  dh'  fhaoidte  gu'n  leugh  cuid-eigin  an 
duilleag  so  nach  'eil  a'  dol  do'n  eaglais  ; 
cuid-eigin  nach  'eil  riaraichte  leis  an  eaglais. 
Feuchadh  an  duine  sin,  ma  ta,  ciod  a  tha 
aig  a'  BhiobuU  ri  radh  ris  mu  Dhia.  Chan 
urrainn  sinn  teicheadh  bho  Dhia,  oir  feum- 
aidh  sinn  uile  cunntas  a  thoirt  dhasan. 

Ann  am  baile  beag  am  Brazil  bha  sagart 
'n  a  sheasamh  aon  la  a'  sracadh  a'  BhiobuUl 
'n  a  chriomagan  agus  a'  tUgeadh  nan 
criomagan  ann  an  teine.  Cha  robh  an  sluagh 
a  chruinnich  timchioU  air  idir  toUichte  leis 
an  obair  a  bha  e  a'  deanamh,  oir  beagan 
roimh  sud  cheannaich  iad  na  Biobuill  o 
shoisgeulaiche  a  bha  'g  an  reic  anns  a' 
bhaUe,  ach  cha  leigeadh  an  sagart  leo  an 
gleidheadh  no  an  leughadh. 

Thog  a'  ghaoth  aon  duUleag  as  an  teine, 
agus  air  a  sgiathaibh  bha  i  air  a  gitilan  a 
steach  air  uinneig  araidh  air  ai;!  t-sraid. 
Thog  bean-an-tighe  an  duUleag ;  leugh  i 
cuid  de  na  bha  air  a  sgriobhadh  oirre,  is 


thubhairt  i  rithe  fhein,  "  Leigidh  mi  so 
fhaicinn  do  mo  cheile,  oir  is  ann  a  leabhar 
naomh  a  tha  e."  "  'S  ann  gun  teagamh, 
ars'  an  duine,  ma  dh'  fhaoidte  gu'm  faigh 
sinn  an  corr  de'n  naidheachd  la  air  chor- 
eigin." 

Chaidh  bliadhna  seachad.  La  a  thadhaiU 
fear  a  bha  reic  leabhraichean  aig  an  dorus, 
leig  am  boirionnach  fhaicinn  an  duiUeag 
dha,  is  dh'  fheoraich  i  dheth  c'  aite  am 
faigheadh  i  an  corr  de'n  naidheachd. 

"  Gheibh  anns  an  leabhar  so,"  agus 
thionndaidh  e  suas  dhi  an  treas  caibideU 
de  shoisgeul  Eoin  far  a  bheil  e  air  innseadh 
mar  thainig  Nicodemus  gu  losa  anns  an 
oidhche,  oir  b'e  na  briathran  a  bha  air  an 
duUleig,  "  Oir  is  ann  mar  so  a  ghradhaich 
Dia  an  saoghal  gu'n  d'  thug  e  aon-ghin 
Mhic  fein  chum  agus  ge  b'e  neach  a  chreideas 
ann,  nach  sgriosar  e,  ach  gu'm  b'i  a'  bheatha 
shiorruidh    aige." 

Cheannaich  i  an  leabhar,  agus  le  othail 
dh'  innis  i  uime  d'a  ceile  an  uair  a  thainig 
e  dhachaidh  bho  obair.  Thoisich  iad  air 
a'  BhiobuU  a  leughadh,  is  fhuair  iad  ann 
saorsa  d'  an  anam  agus  sith  Dhe.  Aon  as 
deidh  aotn  bha  an  teaghlach  uUe  air  an 
toirt  gu  Dia,  air  chor  agus  gu  robh  an  tigh 
ud  mar  choinneal  anns  an  aite. 
Togaibh  an  sgeul,  a  ghaoithean, 

'S  a  thonnan  aobhach  mor, 
Bho  thraigh  gu  traigh  'ga  sgaoileadh. 
Mar  aon  chuan  boillsgeach  gloir. 


Na  tri  leabhraichean 


(Sahn  xi.) 
Tha  na  neamhan  a'  cur  an  ceill  gloir  Dhe  (1). 
Is  iomlan  lagh  an  Tighearna  (7). 
0  lochd  diomhair  glan  thusa  mi  (12). 

Ann  an  litreachas  an  t-saoghail  b'e  roghainn     A'  cheud  leabhar. 


an  fhir  nach  maireann,  an  t-OUamh  Iain 
Stitibhard  Blackie,  bardachd  Homer,  sailm 
Dhaibhidh,  agus  drain  Bhurns.  B'e  an 
t-salm  so  a'  cheud  te  a  dh'ionnsaich  e  air 
a  theangaidh  'n  a  phaisde,  agus  b'i  an  te 
mu  dheireadh  a  bha  air  a  bhUean  m'an  do 
shiubhail  e.  Leis  an  anaU  mu  dheireadh  a 
bha  aige  bha  e  ag  aithris  shalm  gu  beag  ris 
fhein. 

Eadhoii  am  measg  nithean  mora  tha  an 
t-salm  so  mor  agus  maiseach  ;  bha  ionghnadh 
agus  moladh  ann  an  cridhe  an  duine  a  rinn 
i,  oir  ciod  air  bith  taobh  an  tionndadh  e 
bha  e  a'  faicinn  comharraidhean  air  gloir 
agus  cumhachd  agus  gliocas  an  Ti  a  chruth- 
aich  na  neamhan  agus  an  talamh. 

Tha  na  neamhan  ag  aithris  gloir  Dhe, 
Agus  na  speuran  a'  cur  an  ceill  gniomh 
a  lamh. 


Fada  m'  an  do  thoisich  na  faidhean,  no  na 
salmadairean,  no  na  h-abstoU,  air  searmon- 
achadh  bha  na  neamhan  ag  innseadh  do 
chloinn-daonna  gu  bheil  Dia  ann,  agus  ged 
bhiodh  gach  fianuis  eile  a  tha  aig  Dia  anns 
an  t-saoghal  air  an  cur  'n  an  tosd,  leanadh 
na  speuran  agus  na  reultan  air  fianuis  a 
thoirt  d'  an  Cruithear,  ag  radh  gun  sgur, 
"  Nach  mor  an  Ti  a  thug  dhuinn  ar  bith  !  " 

Saoilidh  mtnistearan,  agus  luchd-teagaisg, 
agus  maighstirean-sgoUe,  gur  e  iadsan  a  tha 
a'  cumail  dhaoine  cuimhneachail  air  Dia, 
agus  chan  'eil  teagamh  nach  'eU  iad  'g  a 
dheanamh  ann  an  tomhas  beag,  ach  tha 
daoine  air  an  cumail  cuimhneachail  air  Dia 
le  fonn  is  cuan,  leis  na  speuran  os  an  cionn 
agus  an  talamh  fo  'm  bonn,  agus  mile  guth 
eUe  leis  a  bheU  obair  a'  Chruitheir  a'  labhairt 


NA  TRI  LEABHRAICHEAN. 


Co  is  urrainn  sealltuinn  air  a'  ghrein  a' 
dol  as  an  t-sealladh  anns  a'  Chuan  Shiar 
air  feasgar  citiin,  agus  an  iarmailt  uUe  os  a 
cionn  a'  dearrsadh  le  daithean  oirdhearc 
nach  fhacas  riamh  anns  a'  bhreacan  as 
riomhaiche  a  dhealbh  lamhan,  gun  a  chridhe 
a  thoirt  leum  as  le  gairdeachas,  no  gun 
faireachduinn  a  bhi  aige  gur  e  Dia  agus  nach 
e  duine  a  thug  a  h-aithne  agus  a  cursa  do'n 
ghrein. 

Nach  bu  mhaith  an  sgoil-oidhche  do 
dhaoine  seasamh  air  an  raon  air  oidhche 
shoilleir,  a'  dearcadh  le  ionghnadh  agus 
tuigse  air  na  lochrain  dhealrach  a  tha  ri 
fhaicinn  'n  am  miltean  anns  an  speur, 
reultan  a  tha  cuid  dhiubh  cho  fad  air  falbh 
's  gu  bheil  an  gath  soluis  a  thig  bhuapa  a' 
siubhal  da  mhile  bliadhna  m'an  ruig  e  an 
saoghal   so, 

Samhach  is  ciuin  ged  tha  an  triall, 
Mu'n  talamh  dhorcha  so  ag  iadh, 
Guth  ged  nach  cluinnear  fos  no  fuaim 
'N  an  imeachd  deakach  tosdach  shuas  ; 
Gidheadh  le  cluasaibh  tuigse  glic 
Cluinnear  am  fonn  's  an  eeol  gu  trie, 
A'  seinn  gun  t^mh  air  feadh  gach  linn, 
"  Is  tusa,  Dhia,  a  chruthaich  sinn." 

Ged  tha  na  neamhan  tosdach  agus  ged 
nach  'eil  cainnt  no  briathran  aig  na  reultan 
tha  iad  na's  druidhtiche  mar  fhianuisean 
do  Dhia  na  na  searmonaichean  as  briath- 
raiche  air  thalamh  ;  tha  an  teachdaireachd 
air  a  liubhairt  ann  an  cainnt  dhiomhair  a 
thuigear  anns  gach  tir  agus  leis  gach  cinn- 
each.  Cha  ruig  facal  Spurgeon  ach  air 
Sasunnaich  no  air  muinntir  na  Beurla  ach 
ruigidh  facal  a'  Ghrioglachain  gu  criochan 
an   domhain. 

An  dara  leabhar. 

Ach  ged  tha  na  neamhan  agus  oibre  a' 
Chruthachaidh  a'  cur  an  ceill  gloir  agus 
cumhachd  agus  gliocas  an  Tighearna  b' 
aithne  do'n  t-Salmadair  leabhar  eile  anns 
am  faighear  fianuis  do  Dhia  a  tha  na's 
fhearr  agus  na's  cinntiche  na  gheibhear 
anns  na  speuran,  am  Biobull ;  leabhar  anns 
a  bheil  reachdan  iomlan  air  son  na  beatha 
so,  a  ni  daoine  simplidh  glic,  agus  a  shoill- 
sicheas  an  suilean. 

Ciod  a  bha  an  Salmadair  a'  ciallachadh 
le  "  lagh  lehobhah,"  "  fianuis  lehobhah," 
"  orduighean  lehobhah,"  "  aithne  lehobh- 
ah," "  breitheanas  lehobhah  ?  "  Bha  lagh 
Mhaois,  ach  a  thuUleadh  air  lagh  Mhaois, 
gach  foUlseachadh  a  rinn  Dia  air  fein  le 
faidhean  do  na  h-aithrichean.  Ged  bha  lagh 
Mhaois  gu  maith  teann  cha  robh  e  'n  a 
uallach  do'n  t-Salmadair  no  do  dhaoine  air 
bith  air  an  robh  eagal  lehobhah,   oir  bha 


fhios  aca  gu'n  robh  an  lagh  iomlan  agus  gur 
mor  sith  na  muinntir  aig  a  bheil  gradh  dha. 

Thoir  an  aire,  a  leughadair,  an  chu  a 
tha  an  Salmadair  a'  toirt  air  lagh  Dhe  no 
air  a'  BhiobuU  ;  tha  e  iomlan,  agus  cinnteach, 
agus  ceart,  agus  glan,  agus  cho  fiachaU  's 
gu  bheil  saoibhreas  mor  aca-san  aig  a  bheU 
tart  'n  an  anam  air  a  shon. 

Ach  ged  bu  mhaith  am  Biobull  a  bha  aig 
an  t-Salmadair  tha  Biobull  as  fhearr  againne  ; 
•Biobull  anns  a'  bhed  an  soisgeul  cho  maith 
ris  an  lagh,  agus  foillseachadh  ah  a  dheanamh 
air  Dia,  chan  ann  a  mhain  ann  am  facal,  ach 
ann  am  beatha.  Binneadh  am  facal  'n  a 
fhedil,  agus  chunnaic  sinn  a  ghloir  Ian  grais 
agus  fir  inn. 

Tha  na  neamhan  a'  foillseachadh  cumh- 
achd agus  morachd  Dhe  ;  tha  an  lagh  a' 
foillseachadh  a  thoil  naomh,  ach  ann  an 
losa  Criosd  chithear  a  ghras.  "  Is  aithne 
dhuibh  gras  an  Tighearn  losa  Criosd,  ged 
bha  e  saoibhir,  gidheadh  gu  'n  d'  rinneadh 
bochd  e  air  bhur  son-se,  chum  gu'm  biodh 
sibhse  saoibhir  tre  a  bhochdainn-san." 

An  treas  leabhar. 

"  Is  ann  tre  an  lagh  tha  eolas  peacaidh," 
tha  Pol  ag  radh,  rud  a  b'aithne  do'n  t-Salma- 
dair fada  roimh  la  Phoil.  Chuir  an  lagh  gu 
fein-cheasnachadh  e,  agus  an  uair  a  rannsaich 
e  a  chridhe  fein  chuir  na  chunnaic  e  'n 
a  chridhe  fein  air  a  ghluinean  e,  ag  urnuigh 
ri  Dia,  "  o  lochdan  diomhair  saor  thusa  mi." 

Tha  lochdan  diomhair  fada  na's  miosa 
na  peacaidhean  follaiseach,  ach  ciod  air 
bith  a  dhuisgeas  coguis  duine  agus  a  bheir 
a  lochdan  diomhair  gu  chuimhne  tha  an  ni 
sin  'n  a  mhaighstir-sgoil  'g  a  thoirt  gu 
Criosd. 

Gle  thric  cluinnear  diadhairean  a'  cur 
dealachaidh  eadar  peacaidhean  aineolais, 
peacaidhean  anmhuinneachd,  agus  peacaidh- 
ean danadais  ;  ged  tha  Facal  Dhe  agus  ar 
coguis  ag  innseadh  dhuinn  gu  bheU  gach 
seorsa  peacaidh  toiQteanach  air  fearg  Dhe 
tha  peacaidhean  danadais  na's  miosa  na 
each.  Tha  aobhar  an  aineolais  anns  an 
inntinn,  aobhar  na  h-anmhuinneachd  anns 
a'  chridhe,  ach  aobhar  an  danadais  anns  an 
toil.  Gus  am  bi  toil  duine  air  a  ciosnachadh 
agus  air  a  cosnadh  do  Dhia  cha  bhi  e  gu 
brath  te^ruinte. 

Duine  a  theid  le  comhairle  shuidhichte 
do  aite  no  do  chomunn  far  a  bheU  fhios  aige 
gu'n  tachair  buaireadh  air,  sin  agad  duine 
a  tha  air  bheul  tuiteam  ann  am  peacadh 
danadais.  "  Roimh  sgrios  theid  uabhar  ; 
agus  roimh  leagadh  spiorad  ardanach." 


"Clann  Shioin" 


CHA  toigh  learn  a  bhi  cluinntinn  duine  air 
bith  a'  cur  sios  air  Breatunn,  no  a'  bruidhinn 
gu  suarach  no  gu  magail  mu'n  obair  fhiachaU 
a  rinn  i  cheana,  agus  a  tha  i  fhathast  a' 
deanamh  anns  an  t-saoghal.  Ged  nach  'eU 
ann  am  Breatunn  ach  eUean  beag  air  uchd 
a'  chuain,  thigeadh  call  a  bu  mhotha  air  an 
t-saoghal  uile,  na'n  rachadh  Breatunn  sios, 
na  thainig  air  an  uair  a  chaill  a'  Ghreig  agus 
an  Roimh  an  cumhachd  agus  an  inbhe. 
Ged  nach  biodh  dad  aig  duine  as  an  deanadh 
e  uaOl  ach  a  mhain  gu'n  do  rugadh  e  ann 
am  Breatunn  bu  leor  an  t-aobhar-uaill  sin 
fhein  ;  tir  na  saorsa,  tir  an  t-soisgeU,  tir  a' 
cheartais,  far  a  bheil  Coinneal  a'  dealradh  o 
chionn  tri  cheud  bliadhna  a  thug  solus  do'n 
t-saoghal  uUe.  Sin  agad  an  fhirinn  agus 
gun  dad  ach  an  fhirinn.  Duine  air  bith  a 
bhios  a'  faotainn  coire  do  Bhreatunn,  no  a' 
cur  sios  oirre,  is  e  lan-di  a  bheatha  an 
t-eUean  so  fhagaU,  agus  dol  do  rioghachd  as 
fhearr,  ma'  s  aithne  dha  i.  C'aite  an  rachadh 
tu? 

M'  an  do  thoisich  an  cogadh  bha  daoine 
sonraichte  'g  ar  bodhradh  gus  an  robh  sinn 
sgith  dhiubh,  ag  innseadh  dhuinn  gur  ann 
againn  fhein  a  bha  a'  choire  a'  GhearmaUt 
agus  an  Eadailt  a  bhi  cho  neo-thoiHchte  agus 
oho  caonnagach  's  a  bha  iad,  agus  gu'm  b'e 
na  cumhacha-sithe  a  rinneadh  an  VersaUles 
a  bu  mhathair-aobhair  do  gach  trioblaid  a 
thainig  air  an  t-saoghal  o  chionn  bhliadhn- 
achan.  Chan  urrainnear  gu  brath  cumhacha- 
sithe  a  dheanamh  a  riaraicheas  an  da  thaobh, 
no  a  shaoileas  iad  le  cheile  ceart  agus 
cothromach  ;  na'm  b'urrainn  car  son  a  bha 
iad  a'  tapaid  idir  ?  Ach  ged  nach  robh  bann- 
sithe  Versailles  'n  a  h-oilbheum  do  m' 
choguis  fein  riamh  chan  ann  a  dh'fhireanach- 
adh  nan  cumhachan  a  bha  innte  a  tha  mi  'g 
a  sgriobhadh  so,  ach  a  radh  gu'n  tainig 
barrachd  trioblaid  air  Breatunn  an  cois  aon 
de  na  cumhachan  a  b 'fhearr  a  rinneadh  an 
Versailles  na  thainig  oirnn  an  cois  na 
feadhnach  a  bu  mhiosa.  Air  chor  agus  nach 
urrainn  dhuit  a  bhi  cinnteach  co  dhiu  as 
fhearr,  sud  no  so. 

Glic  agus  uasal. 

Rinn  Breatunn  rud  ceart  agus  uasal,  agus 
rud  a  bha  sinn  an  diiil  a  bha  ghc,  an  uair  a 
thug  i  rabhadh  do  rioghachdan  eile  gu'm  bu 
mhaith  leatha  dachaidh  a  bhi  air  a  dheanamh 
do  na  h-Iudhaich  ann  am  Palestin,  duthaich 
an  sinnsir.  B'  e  am  Morair  Balfour  a'  cheud 
fhear  a  thagair  gu'm  biodh  an  cothrom  so 
air  a  thoirt  dhaibh,  agus  tha  cuimhne  agam 
fhathast  mar  leum  ar  cridheachan  le  toileach- 


adh  aig  an  am,  an  duil  gu'm  biodh  a  nis  dochas 
agus  dachaidh  air  a  thoirt  do  shluagh 
bochd  a  dh'fhuiling  barrachd  geur- 
leanmhuinn  troimh  na  linntean  na  dh'fhuiling 
daoine  eUe  air  thalamh.  Bha  an  rioghachd 
uile  toilichte  lamh  a  bhi  aig  Breatunn  anns 
a'  chuis,  agus  bha  e  'n  a  fhaochadh  d'  ar 
coguis  cothrom  fhaotainn  air  cor  agus 
coirichean  nan  ludhach  anns  an  t-saoghal 
a  chur  ceart.  Ach  is  e  a  thachair  gu'n  do 
loisg  sinn  ar  meuran  anns  an  teine,  agus  gu 
bheil  sinn  fhein  agus  na  h-Iudhaich  an  diugh 
air  ar  mallachadh  an  uair  a  bha  duU  againn 
ri  beannachadh.  Dh'fhaodamaid  a  radh  mar 
thubhairt  am  faidh  leremiah,  "  Bha  stiil 
againn  ri  sith,  ach  maith  sam  bith  cha 
d'thainig ;  ri  aimsir  slainte,  agus  feuch 
uamhas." 

Saorsa  no  smacM. 

Tha  e  duiHch  sith  a  dheanamh  ri 
muilleanan  de  dhaoine  nach  'eil  de'n  aon 
inntuin,  ach  a  tha  dannarra  gus  an  toil  fhein 
fhaotainn.  Rinn  am  fear  beag  ud  anns  a' 
GhearmaUt  a  bhios  a'  magadh  air  Breatunn 
air  an  Radio  magadh  gu  leoir  oirnn  a  chionn 
nach  robh  a'  dol  againn  air  sith  a  dheanamh 
ann  am  Palestin,  no  an  duthaich  a  riaghladh 
le  sgoinn  is  smachd.  Chan  'eil  teagamh  nach 
b'urrainn  Breatunn  smachd  a  chumail  air 
na  h-Arabaich  na'n  togradh  i,  leis  a'  ghunna 
no  eadhon  le  bata  laidir,  ach  chan  e  sin  doigh 
Bhreatuinn,  agus  a  h-uile  uair  a  dh'fheumas 
i  roghainn  a  dheanamh  is  fhearr  leatha  gean- 
maith  dhaoine  a  chosnadh  le  saorsa  a  thoirt 
dhaibh  seach  iimhlachd  fhaotainn  le  smachd. 

Air  uairean  tha  an  doigh -riaghlaidh  so  a' 
toirt  air  droch  dhaoine  agus  air  daoine 
dannarra  brath  a  ghabhaU  air  Breatunn  (ni 
a  clann  fhein  e  cho  maith  ris  na  coigrich)  ach 
air  a  shon  sin  tha  i  a'  leantuinn  air,  gineal  an 
deidh  gineil,  a  chionn  gu  bheil  i  cinnteach 
gur  e  so  an  doigh  as  fhearr  air  a'  cheann  mu 
dheireadh.  Co  an  rioghachd  eile  a  bheireadh 
saorsa  facaU  do  Ghandi  agus  do  Phacifists 
mar  tha  Breatunn  a'  toirt  dhaibh.  Ach 
chan  'eil  sin  'n  a  chuis-naire  dhi,  agus  cha 
mho  tha  e  a'  milleadh  a  cliu  no  a  neart,  agus 
a  dh'aindeoin  a'  mhagaidh  a  rinneadh  oirre 
le  Sanbalat  agus  a  shKochd  a  chionn  gu'n  d' 
fheuch  i  ris  na  h-Iudhaich  a  shuidheachadh 
as  ur  'n  an  seann  dachaidh,  agus  a  chionn 
gu'n  do  ghiiilain  i  gu  faidhidneach  leis  na 
h-Arabaich  a  bha  air  son  an  cumail  a  mach, 
bha  an  rim  a  bha  'n  a  cridhe  uasal  agus 
cothromach.  Ma  dh'fhuUing  i  air  a  shon 
dh'fhuiling  i  air  son  na  corach; 


GLANN  SHIOIN 


Nithean  narach. 

Ciod  an  ceann-criche  a  bhios  aig  a'  gheur- 
leanmhuinn  a  thatar  a'  deanamh  air  na 
h-Iudhaich  ?  Agus  car  son  a  thatar  'g  a 
dheanamh  ?  Tha  e  duilich  a  radh  ;  air 
uairean  saoilidh  mi  gur  h-aithne  dhomh  an 
t-aobhar,  ach  air  uairean  eUe  thig  teagamh 
'n  am  inntinn  nach  'eil  mi  ceart,  agus  gu 
bheil  diomhaireachd  anns  a'  clauis  nach  'eil 
mi  a'  tuigsinn. 

Ma's  ann  a  chionn  gu'n  do  cheus  na 
h-Iudhaich  Criosd  a  dh'fhuathaich  na 
Criosduidhean  iad  anns  gach  Hnn,  shaoUeadh 
tu  gu'm  feuchadh  na  Criosduidhean  ri 
maitheanas  a  thoirt  dhaibh  mar  rinn  an 
Sl^nuighear  fein.  Chan  'eil  aon  phuing  anns 
a'  Chreidimh  Chriosduidh  as  soilleire  na 
gu'm  feum  esan  a  fhuair  maitheanas 
maitheanas  a  thabhairt. 

Ach  ciod  air  bith  an  t-aobhar,  rinneadh 
cheana,  agus  thatar  a'  deanamh  an  diugh 
fhathast,  geur-leanmhuinn  air  na  h-Iudhaich 
a  chuireas  naire  oirnn,  naire  cho  mor  's  gu'm 
bu  mhaith  leinn  ni-eigin  a  dheanamh  as  an 
leth  a  dh'aotrumaicheadh  ar  cionta. 

Clann  Shioin. 

Am  measg  nan  ludhach  fhein  chan  'eil 
ach  aon  bhuidheann  a  tha  ag  iarraidh  dol 
air  ais  do  thir  a'  gheallaidh,  am  buidheann 
ris  an  abrar  "  Clann  Shioin."  Is  fearr  le 
each  fuireach  ann  an  duthchanna  as  reamhra. 
Chan  'eil  ann  am  Palestin  ach  fearann 
bochd  ;  tha  e  cho  duilich  tuath  a  shuidh- 
eachadh  air  's  a  tha  e  anns  a'  Ghaidhealtachd. 
Tha  e  a'  cosd  mu  mhile  not  aon  teaghlach  a 
shuidheachadh  air  an  fhearann,  agus  is  ann 
o  ludhaich  bheartach  ann  an  America  a 
tha  a'  chuid  mhor  de'n  airgiod  a'  tighinn. 
Ged  nach  rachadh  iadsan  air  an  ais  iad 
fhein  is  maith  leo  gu'n  rachadh  am 
braithrean  bochd  ann. 

Ciamar  tha  a'  dol  daibh  anns  an  oidhirp 
a  tha  iad  a'  deanamh  air  dachaidh  ur  a 
chur  suas  dhaibh  fein  ann  am  Palestin  ? 
Chan  'eU  e  furasd  a  radh  ;  tha  e  ro  thrath 
breith  cothromach  a  thoirt  air  an  cor,  ach 
chan  ann  gun  dicheall  no  gun  saothair  a 
tha  dol  aca  air  an  casan  a  sheasamh,  agus 
fad  na  h-uine  tha  na  h-Arabaich,  am  follais 
agus  an  uaigneas,  a'  feuchainn  ri  'm  beatha 
a  dheanamh  searbh  dhaibh. 

Bho  chionn  ghoirid  bha  mi  a'  bruidhinn 
ri  duine  tuigseach  a  tha  ann  an  seirbhis 
Bhreatuinn  ann  am  Palestin,  is  dh'fhoighnich 
mi  dheth  am  b'urrainn  e  innseadh  dhomh 
car  son  a  tha  na  h-Arabaich  cho  guineach 
ris  na  h-Iudhaich  ?  "  Tha  sin,"  ars'  esan, 
"  furasda  gu  leoir  a  thuigsinn  ;    tha  fearann 


aig  an  Arabach  ach  chan  'eil  airgiod  aige, 
agus  tha  airgiod  aig  an  ludhach  ach  chan 
'eU  fearann  aige.  Air  ghaol  airgjod-ullamh 
fhaotainn  'n  a  laimh  agus  a  bhi  ioUagach 
diomhaineach  cho  fad  's  a  mhaireas  e, 
reicidh  an  t-Arabach  a'  chroit  ris  an  ludhach, 
agus  air  ghaol  fearann  fhaotainn  ann  an  tir 
a  dhaoine  bheir  an  t-Iudhach  pris  oirre  nach 
fhiach  i.  Ann  an  iiine  ghoirid  cosdaidh  an 
t-Arabach  an  t-airgiod,  agus  tha  e  gun 
airgiod  gun  chroit,  agus  an  sin  tha  naimhdeas 
aige  ris  an  fhear  a  cheannaich  i,  agus  bu 
mhaith  leis  an  gunna  a  chur  ris.  Ach  tha 
lagh  Bhreatuinn  a'  dion  an  ludhaich." 

Daoine  crionna. 

Tha  fhios  aig  na  h-Iudhaich  agus  aig  na 
h-Arabaich  le  cheile  gu  bheil  gliocas  agus 
crionnachd,  sgoinn  agus  dicheaU,  anns  an 
ludhach  nach  'eU  anns  an  Arabach,  agus  is 
e  sin  a  tha  a'  toirt  air  an  ludhach  a  bhi 
taireil  air  an  Arabach  agus  air  an  Arabach 
a  bhi  amharusach  agus  gamhlasach  do'n 
ludhach. 

Is  ann  a  Poland  agus  a  Russia  a  thainig 
a  chuid  mhor  de  na  h-Iudhaich  a  chaidh  air 
an  ais  do  Phalestin.  Tha  iad  'n  an  daoine 
deanadach  sitheil,  ach  air  uairean  bithidh  na 
ceannardan  aca  (ceannardan  "  clann 
Shioin  ")  a'  deanamh  boUich  amaideach,  agus 
bithidh  a'  bhoilich  sin  a'  cur  nan  Arabach 
air  a'  chuthach  dhearg.  Bithidh  iad  a' 
boilich  gur  ann  dhaibhsan  a  bhuineas  an 
duthaich  agus  nach  ann  do  na  h-Arabaich. 

Bithidh  na  h-Arabaich  fhein  a'  deanamh 
boilich  cuideachd  ;  a'  boUich  gur  e  iadsan 
a  thug  a  mach  buaidh  do  Bhreatunn  anns  a' 
chogadh  mu  dheireadh,  ach  nach  d'fhuair 
iad  an  duals  a  bu  choir  dhaibh  fhaotainn 
air  a  shon. 

Eadar  boilich  na  dithis  agus  an  naimhdeas 
a  tha  aca  d'a  cheile  tha  e  duilich  do  Bhreatunn 
sith  a  chumaU  ann  am  Palestin  gun 
toiseachadh  air  an  smachdachadh. 

Ach  tha  cuid  mhaith  de  na  h-Arabaich 
reusanta  gu  leoir  ;  tha  iad  a'  faicinn  gu 
bheU  na  h-Iudhaich  a'  maitheachadh  na 
diithcha  le  airgiod  a  thoirt  innte  ;  gu  bheil 
beoshlaint  na's  fhearr  aca  a  nis  le  obair  agus 
sgoinn  nan  ludhach  na  bha  aca  roimhe, 
agus  mar  sin  tha  iad  air  son  a  bhi  reidh  ri'n 
coimhearsnaich. 

Creideamh  an  aithrichean. 

Tha  moran  dhaoine  an  diiU  gu  bheil  na 
h-Iudhaich  a'  leantuinn  ri  creideamh  an 
aithrichean  na's  dluithe  na  sluagh  air  bith 
eUe.  Chan  'eil  sin  fior.  Ged  tha  buidheann 
dhiubh  a'  seasamh  gu  laidir  fhathast  air 
creideamh  an  aithrichean  tha  a'  chuid  as  mo 


CLANN  SHIOIN— ATREAMH  NAN  lUDHACH 


dhiubh  cho  roinnte  a  thaobh  creidimh  ri 
daoine  eile,  agus  eadhon  'n  an  dachaidh  uir 
chan  e  altair  do  lehobhah  a  chuir  iomadh 
teaghlach  suas  ach  altair  air  a  bheil  dealbh 
Karl  "Marx,  athair  nan  Communists  uile. 
Tha  e  air  a  radh  gu  bheil  barrachd  de  ana- 
creidich  am  measg  nan  ludhach  na  tha  am 
measg  einneach  air  bith  eile,  agus  barrachd 
dhaoine  a  tha  ag  aicheadh  gu  bheil  Dia  ann. 

Am  measg  "  clann  Shioin  "  a  tha  nis  air 
tuineachadh  ann  am  Palestin  gheibhear 
teaghlaichean  a  tha  cho  diadhaidh  a  reir 
gnaths  an  aithrichean  's  gu'n  do  thraisg  iad 
agus  gu'n  do  chomhdaich  iad  an  cinn  le 
luaithre  a  chionn  gu  robh  e  air  a  cheadachadh 
Eabhra  a  chleachdadh  mar  mheadhon- 
teagaisg  anns  an  Oilthigh,  a'  chainnt  naomh 
nach  bu  choir  a  chleachdadh  ach  ann  an 
iirnuigh    a    mhain.  Air    an    laimh    eile 

gheibhear  am  measg  "  clann  Shioin  "  ann  an 
tir  a'  gheallaidh  ludhaich  a  tha  na's  gaolaiche 
air  muic-fheoU  na  tha  iad  air  aran  neo- 
ghoirtichte,  agus  nach  toir  ho-ro  air  Abraham 
no  air  lagh  Mhaois.  Chan  e  creideamh  ach 
duthchas    agus    fuU    a    tha    a'    cumail    an 


t-sluaigh  so  dileas  d'a  cheile  agus  dealaichte 
o  chinneach  eile. 

An  ceann-criche  ? 

Ma  shoirbhicheas  an  rtm  a  bha  an  inntinn 
Bhreatuinn  a  thaobh  nan  ludhach  is  maith 
an  gnothuch,  ach  mur  soirbhich  cha  ruig  i  a 
leas  naire  a  bhi  oirre  gu'n  d'fheuch  i  ri 
baigh  a  nochdadh  dhaibh. 

Aig  am  eile  'n  an  eachdraidh  bha  na 
h-Iudhaich  air  an  toirt  air  an  ais  do 
Jerusalem,  a  thogail  nam  ballachan  briste. 
Bha  naimhdean  aca  anns  na  laithean  sin  a 
dh'fheuch  ri  bacadh  a  chur  orra,  ach  le 
diorras  agus  dicheaU  chum  iad  orra  gu 
misneachail,  agus  chaidh  leo  air  a'  cheann 
mu  dheireadh.  Agus  is  maith  do'n  t-saoghal 
gu'n  deachaidh,  oir  tha  sinn  uile  a'  mealtainn 
toradh  na  buadha  sin,  agus  ma  theid  leo  air 
an  turns  so,  c6  aige  tha  fhios  nach  meal  an 
saoghal  beannachdan  iira  an  cois  na  buadha  sin. 

Bha  Pol  cinnteach  gu'n  tig  an  la  anns  am 
bi  Israel  uile  air  an  tearnadh  :  mar  tha  e 
sgriobhta,  "  Thig  am  Fear-saoraidh  o  Shion, 
agus  tionndaidhidh  e  mi-dhiadhaidheachd 
o  lacob." 


Aireamh  nan  ludhach 


ANNS  a'  chunntas  mu  dheireadh  a  chunnaic 
mi  air  aireamh  nan  ludhach  bha  e  air  a 
radh  gu  bheil  se  muilleana  deug  dhiubh  anns 
an  t-saoghal,  air  an  sgapadh  air  feadh  nan 
rioghachdan  uile,  a'  chuid  as  mo  dhiubh 
ann  an  criochan  shear  na  Roinn  Eorpa. 


Anns  an  Roinn  Eorpa. 

Breatunn 

Poland    - 

Ukraine 

Rumania 

A'Ghearmailt 

Russia 

Hungary 

Staidean  na  Baltic 

Czecho  Slovakia 

Austria    - 

An  Fhraing     - 

An  Olaind 

An  Eadailt 

Belgium 

An  Tuirc 

A'  Ghreig 

Bulgaria 

An  t-Suain 

An  Spainnt 

Lochlann 


An  America. 

Na  Staidean    - 
Canada    - 
Argentine 
Meadhon  America 
Na  h-Innsibh  an  lar 


320,000 

2,900,000 

2,400,000 

1,000,000 

800,000 

690,000 

550,000 

460,000 

380,000 

350,000 

155,000 

110,000 

72,000 

50,000 

90,000 

89,000 

40,000 

6,500 

5,000 

1,500 


4,000,000 

160,000 

145,000 

17,000 

6,500 


Anns  an  Asia. 

Am  Palestin    - 

Russia 

An  Tuirc 

Irak 

Arabia     - 

An  aitean  eile 


An  Astralia 
An  Africa 


180,000 

100,000 

79,000 

87,000 

25,000 

180,000 

26,000 

460,000 

0 


An  Obar  Dheathain       .       .       .       . 

Tha  barrachd  dhiubh  ann  an  America 
na  ann  an  diithaich  air  bith  eile  ;  tha  dorsan 
America  farsuinn  agus  fosgaUte  daonnan. 

Am  bitheantas  tha  iad  a'  bruidhinn  cainnt 
na  duthcha  anns  a  bheil  iad  a'  fuireach, 
ach  is  e  Yiddish  an  cainnt  mhathaireU, 
an  duthchanna  shear  na  h-E6rpa.  Chan 
'eil  ach  fior  ludhach  annamh  a  thuigeas 
Eabhra. 

Is  ann  as  a'  Ghearmailt,  a  Russia,  agus 
a  Poland,  a  dh'fhalbh  a  chuid  as  motha  de 
na  h-Iudhaich  a  tha  ann  an  America. 

Ged  tha  ludhaich  ann  a  tha  anabarrach 
beartach  chan  'eil  anns  a'  chuid  mhor  dhiubh 
ach  daoine  bochd. 

Anns  a'  chogadh  mu  dheireadh  bha  iad 
ri  'm  faotainn  anns  a  h-uUe  arm  a  bha 
mach,  a  tapaid  an  aghaidh  a  cheile. 

B'  e  an  t-Iudhach  a  b'  ainmeile  anns  an 
t-seann  t-saoghal,  Maois  ;  agus  an  t-Iudhach 
as  ainmeile  anns  an  t-saoghal  iir.  Hitler. 

M'CXaRQUOm.LE 


Aireamh   i 


I94I 


Oglach  an  Tighearna 


A71  deidh  nan  nithean  sin,  fhuair  losua,  oglach  an  Tighearna,  has,  agus  e  ceud  agus 
deich  bliadhna  dh'aois." — Iosija  xxiv,  29. 


BU  mhaith  learn  air  a'  cheud  mhios  de'n 
bhliadhna  uir_  so  seanchas  a  dheanamh  mii 
shaighdear  a  tha  marbh  cho  fada  's  gu'n 
saoil  cuid  nach  'eil  aobhar  air  bith  a  bhi  a' 
bruidhinn  uime  anns  na  laithean  so,  losua 
mac,  Nuin,  oglach  an  Tighearna,  a  rainig 
coig  fichead  bliadhna  's  a  deich,  a  cheart 
aois  a  bha  Joseph  an  uair  a  shiubhaU  e. 

Is  urramach  an  t-ainm  saighdear,  agus  is 
urramaiche  na  sin  an  t-ainm  oglach  an 
Tighearna,  ach  an  uair  a  bha  duine  an  da 
chuid  'n  a  shaighdear  maith  agus  'n  a  oglach 
do'n  Tighearna,  is  fhiach  dhuinn  bruidhinn 
mu'n  duine  sin,  ciod  air  bith  an  iiine  o'n  a 
shiubhail  e. 

Is  mor  an  rud  do  dhuine  air  bith  ainm 
maith  a  bhi  air,  agus  gun  teagamh  bha  ainm 
maith  air  losua,  an  t-ainm  as  fhearr  anns  a' 
Bhiobull,  oir  is  e  an  aon  ainm  a  tha  ann  an 
losua  agus  ann  an  losa,  ainm  a  tha  a' 
ciallachadh,  "  lehobhah  an  Slanuighear." 

Ma  bha  losua  fortanach  a  thaobh  ainme 
cha  robh  e  fortanach  a  thaobh  na  duthcha 
anns  an  do  rugadh  e,  oir  rugadh  e  anns  an 
Eiphit  far  an  robh  e  fhein  agus  a  dhaoine  air 
an  droch  ghiollachd  le  Pharaoh,  a  rinn 
traillean  dhiubh,  agus  a  thug  orra  oibreach- 
adh  cho  gou't  fo  theas  na  greine  's  gu  robh 
am  beatha  searbh  dhaibh.  Ach  theagamh 
nach  bu  mhisd  losua  an  cruadhas  a 
dh'fhuUing  e  'n  a  oige  ;  ann  an  tigh  na 
daorsa  ud  dh'ionnsaich  e  faidhidinn,  agus  a 
thoil  agus  a  nadur  fein  a  cheannsachadh. 

Companas  dhaoine  maith. 

Gle  thric  is  e  an  tiodhlac  as  fhearr  a  tha 
Dia  a'  toirt  do  dhuine  eolas  fhaotainn  air 
duine -eigin  eile  a  tha  na's  fhearr  na  e  fhein. 
Thug  Dia  an  tiodhlac  sin  do  losua  anns  a' 
chompanas  a  bha  aige  ri  Maois,  an  duine  a 
bu  ghhce  agus  a  b'fhaide  sealladh  a  bha 
riamh  ann  an  Israel.  Air  an  laimh  eile  bha 
companas  losua  mar .  ghath-greirie  do  anam 
Mhaois,  oir  chunnaic  e  gu  robh  rud-eigin 
ann  nach  robh  ann  an  gin  eUe  d'a  chomh- 
aoisean,  is  thubhairt  e  ris  fhein,  "  An  uair 
a  thig  mo  laithean-sa  gu  ceann,  bithidh  mi 
sona  a'  fagaU  an  t-saoghail,  a  chionn  gu 
bheil  an  duine  6g  so  anns  an  amharc,  a 
ghabhas  m'  aite  air  cheann  an  t-sluaigh,  a 
theagaisgeas       dhaibh       aitheantan       agus 


reachdan  Dhe  a  choimhead,  agus  a  bheir  a 
steach  iad  do'n  fhearann  a  mhionnaich  Dia 
d'ar  n-aithrichean." 

Is  ann  mar  sin  a  bha  ;  an  uair  a  shiubhail 
Maois  b'e  losua  a  ghabh  'aite,  ged  nach  robh 
e  na  b'fhaide  'n  a  dhuine  6g,  co  dhiu  'n  ar 
beachd-ne,  oir  bha  e  thairis  air  ceithir 
fichead.  Ach  bha  e  cho  laidir,  fulangach, 
agus  cho  dealasach  ris^  an  fheadhainn  a 
b'oige,  agus  is  maith  a  dh'fhaodadh  e  a  bhi 
laidir,  oir  cha  b'e  duine  ach  Dia  a  ghairm  e, 
an  Dia  nach  dean  mearachd  agus  a  thubhairt 
ris,  "  Bi  laidir  agus  ro  mhisneachail ;  na  bi 
fo  eagal,  agus  na  biodh  faitcheas  ort  :  oir 
tha  an  Tighearn  do  Dhia  leat  anns  gach 
ionad  d'an  teid  thu." 

Cruth  agus  Guth. 

Cha  ruig  mi  leas  dol  thairis  air  eachdraidh 
losua  ceum  air  cheum,  oir  gabhaidh  sin 
faotainn  anns  an  leabhar  a  tha  air  ainmeach- 
adh  air  anns  a'  Bhiobull,  ach  bu  mhaith 
leam  aire  an  luchd-leughaidh  a  tharruing  gu 
rud  a  tha  air  innseadh  uime  anns  an  t- 
seathamh  caibideil  de'n  leabhar,  a  chionn 
gu  bheil  e  a'  leigeil  fhaicinn  dhuinn  ciod  an 
seorsa  duine  a  bha  ann. 

An  oidhche  mu'n  do  thoisich  e  air  a'  cheud 
bhlar  a  bha  aige  ris  an  namhaid  chaidh  e  a 
mach  leis  fhein  a  dh'iirnuigh,  agus  air  dha  a 
bhi  ag  tirnuigh,  feuch  chunnaic  e  duine  'n  a 
sheasamh  fa  chomhak,  agus  claidheamh 
ruisgte  'n  a  laimh.  Anns  an  dorchadas  bha 
eagal  air  losua  gu'm  faodadh  gur  e  fear  de'n 
namhaid  a  bha  ann,  agus  thubhairt  e,  "Co 
sud  eile  ;  an  ann  leinne  a  tha  thu  ?  "  "Is 
mise  ceannard  sluagh  an  Tighearn,"  ars  an 
Guth  ;  "  cuir  thusa  dhiot  do  bhrogan,  oir 
tha  an  t-ionad  air  a  bheil  thu  ad  sheasamh 
naomh."         Agus  thuit  losua  air  'aghaidh 

air  an  talamh,  agus  rinn  e  aoradh 

agus  thubhakt  an  Tighearna  ri  losua, 
"  Feuch  thug  mi  lericho  do  d'  laimh,  agus 
cuairtichidh  sibh  am  baUe  ;  theid  sibh  mu 
thimchioll  a'  bhaile  aon  uair  a  h-uUe  la 
seachduin,  agus  air  an  t-seachdamh  la 
theid  sibh  mu  thimchioll  a'  bhaile  seachd 
uairean,  agus  giulainidh  seachd  sagartan 
seachd  trompaidean  a  dh'adhaircibh  reithe- 
achan,  agus  seididh  na  sagartan  leis  na 
trompaidean " 


OGLACH  AN  TIGHEARNA 


Facal  an  Tighearna. 

Tha  na  h-innleachdan  leis  an  robh  lericho 
air  a  ghlacadh,  agus  na  h-6rduighean  a  thug 
losua  do'n  arm,  air  an  cur  sios  cho  soilleir 
agus  cho  curamach,  aon  as  deidh  aoin,  's  ged 
bhiodh  iad  air  an  sgriobhadh  le  Coirneal  no 
Seanalair  a  bha  air  a  shonrachadh  air  son  a' 
ghnothuich,  ach  tha  iad  air  an  cur  sios  ahns 
a'  Bhiobull  mar  gu'n  robh  a  h-uile  lide  air  a 
liuhhairt  do  losua  le  Dia,  agios  mar  gu'm  &'e 
Dia  agus  nach  e  losua  idir  a  rinn  na  h- 
innleachdan  ud,  agus  a  shuidhich  drdugh  a 
chatha. 

Ciod  a  tha  so  a'  ciallachadh  1  Tha  e  a' 
ciallachadh  am  measg  nithean  eile  gu'm 
feum  sinn  ar  tur  nadurra,  agus  ar  tuigse 
spioradaU,  agus  ar  n-eolas  air  na  doighean 
anns  a  bheU  ar  n-inntinnean  ag  oibreachadh, 
a  chleachdadh  a  thaobh  Facal  an  Tighearn, 
agus  an  seagh  anns  an  abrar  gu'n  do  labhair 
Dia  gu  litireU  na  briathran  a  tha  air  a  chur  'n 
a  bheul  leis  na  daoine  a  sgriobh  am  BiobuU. 

Cha  robh  e  cearr  do  dhuine  diadhaidh  mar 
bha  losua,  duine  a  bha  ag  iarraidh  air  Dia 
ann  an  iirnuigh  a  sholus  agus  fhirinn  a 
thoirt  dha,  agus  a  cheuman  a  threorachadh, 
cha  robh  e  cearr  dha  a  radh  gur  ann  o  Dhia 
a  thainig  an  innleachd  ud  a  dh'eirich  'n  a 
cheann,  leis  an  do  ghlac  e  baile  lericho. 
Ma  tha  sinn  'n  ar  daoine  macanta,  agus  ma 
tha  an  Spiorad  Naomh  ag  oibreachadh 
annainn  tha  e  duUich  ar  cuid  fein  a  dhealach- 
adh  o  chuid-san,  air  chor  agus  gu'm  faod 
duine  d'a  bheil  Dia  a'  toirt  soluis  agus 
dearbhachd  ann  an  tirnuigh  a  radh  le  firinn, 
"  Mar  so  thubhairt  an  Tighearna  riuni." 

An  uair  a  leughas  sum  an  naidheachd  so 
feumaidh  sinn  ar  n-aire  a  chumail  air  aon 
ni  a  mhain,  gur  ami  air  an  oidhche  a  chaidh 
losua  air  leth  leis  fhein,  a  dh'urnuigh  gu 
h-uaigneach,  a  chunnaic  e  an  Cruth  ud,  agus 
a  chual  e  an  Guth,  agus  a  shocruich  e  'n  a 
inntinn  ciod  a  dheanadh  e  gus  baile  lericho 
a  ghlacadh.  Bha  e  cinnteach  gu'n  d'fhuair 
e  facal  agus  comhairle  o  Dhia,  agus  chaidh  e 
air  ais  d'a  leabaidh,  agus  inntinn  aig  fois. 

Na  h-ana-creidich. 

So  naidheachd  a  dh'fhaodadh  aon  air 
chotreigin  d'a  chairdean  a  leughadh  do 
H.  G.  WeUs,  ach  tha  eagal  orm  nach  creideadh 
e  facal  dhi,  a  chionn  gu  bheil  i  a'  teagasg 
nach  'eil  e  idir  mi-shealbhach  do  arm  a  bhi 
fo  Chomanndair  a  bhios  ag  urnuigh.  Tha 
moran  dhaoine  anns  an  t-saoghal  nach  bi  ag 
urnuigh,  ach  cha  bu  mhaith  leam  a  chreidsinn 
gu  bheil  moran  ann  a  thUgeadh  air  neach 
eUe  mar  inisg  gu'm  bi  e  ag  tirnuigh.       Cha 


deanadh  Clemenceau  fhein  sin  ged  bha  e  'n 
a  fhear-aicheadh  Dhe.  Uair  a  bha  e  air  son 
Foch  fhaicinn  ann  an  teas  a'  chogaidh  ijiu 
dheireadh,  dh'innis  muinntir  an  airm  dha 
gu  robh  Foch  aig  seirbhis  na  h-Aifrinn 
Naoimh  anns  an  eaglais,  ach  thubhairt  iad 
gu'n  cuireadh  iad  teachdaire  do'n  eaglais  'g 
a  iarraidh.  "  Cha  chuir,  cha  chuir,"  arsa 
Clemenceau,  "  leigibh  leis  a  chrabhadh  a 
chriochnachadh  ;  cha  dona  a  tha  e  a'  dol 
dha." 

Cha  robh  losua  'n  a  dhuine  cruaidh  no  'n 
a  dhuine  fuileachdach  gu  nadurra,  ach  anns 
an  obair  a  thug  Dia  dha  ri  dheanamh,  na 
Canaanaich  agus  treubhan  eUe  a  sgitirsadh 
a  mach  a  Palestin  agus  sluagh  IsraeU  a 
shuidheachadh  'n  an  aite  rinn  e  iomadh 
gniomh  oUlteU,  agus  smachdaich  e  iad  le 
geur-cheartas.  Ach  feumar  a  chuimhneach- 
adh  gu  bheil  geur-cheartas  ann  an  Dia  fein, 
ged  tha  e  maith  agus  ged  mhaireas  a 
throcair  gu  siorruidh.  Tha  breitheanais  Dhe 
air  an  talamh  gun  sgur,  ach  chan  'eU 
breitheanas  an  Tighearn  a'  tuiteam  air  neach 
air  bith  no  air  rioghachd  air  bith  gun  rabh- 
aidhean  agus  comharraidhean  gu  leor  roimh 
laimh.  Rainig  grainealachd  nan  Canaanach 
a  leithid  a  dh'airde  's  gu'm  faodar  a  radh 
nach  e  claidheamh  losua  a  chuir  as  dhaibh 
idir  ach  claidheamh  fireantachd  lehobhah. 

Dia  agus  a  fhreasdal. 

Their  moran  dhaoine  an  diugh  gu'm  faod 
sinne  a  bhi  coma  mu  na  blair  ud  a  bha  eadar 
sluagh  Israeil  agus  Canaanaich  agus 
Amoraieh  agus  Hibhich  agus  lebusaich,  a 
chionn  nach  'eU  ann  ach  seann  eachdraidh 
ludhach.  Their  iad  nach  robh  anns  na 
cogaidhean  a  rinn  losua  ach  tachartasan 
beaga  beaga  ann  an  ctiil  bheag  de'n  t-saoghal 
mar  gu'm  biodh  aon  mheanbh-chuUeag  air  a 
bathadh  anns  a'  chuan,  agus  gur  iongantach 
an  ni  e  gu  bheU  an  eaglais  a'  teagasg  gu 
robh  Dia  a'  dol  's  an  eadraiginn  anns  na 
laithean  ud  mar  nach  'eil  e  a'  dol  's  an 
eadraiginn  an  diugh. 

Tha  sin  a'  togaU  cheistean  nach  urrakm 
mise  fhuasgladh,  ach  faodaidh  mi  rud  no 
dha  a  radh  air  an  duUleig  so,  a  bhios  a'  dol 
troimh  m'inntinn  fhein. 

(1)  Co  an  duine  tuigseach  a  ghabhadh  air 
fhein  a  radh  nach  'eU  Dia  a'  dol  's  an 
eadraiginn  ann  an  cogadh  mor  na  Roinn 
Eorpa,  ged  gheibheadh  a'  GhearmaUt  a' 
bhuaidh  oirnn  ? 

(2)  Ann  an  nithean  beaga  cho  maith  ri 
nithean  mora  faodaidh  Dia  a  thoU  agus 
fhireantachd  a  nochdadh,  agus  na  laghanna 


OGLACH  AN  TIGHEARNA— ANNS  A'  CHATHAIR 


siorruidh  air  a  blieil  a  rioghachd  agus  a  righ- 
chathair  air  an  steidheachadh.  Cha  robh 
ann  am  bas  aon  duine  air  Calbhari  air  Di- 
haoine  na  Ceusa  ach  naidheachd  bheag  ann 
am  baile  mor,  ach  leis  an  aon  bhas  ud 
labhair  Dia  ris  an  t-saoghal  le  soilleireachd 
agus  soluimteachd  nach  teirig  gu  brath. 

(3)  Bha  saorsa  agus  sonas  a'  chinneadh.- 
daonna  an  crochadh  ri  obair  losua,  agus  ris 
na  batail  bheaga  ud  a  bha  eadar  a  dhaoine 
agus  na  treubhan  borba  ;  na'n  robh  clann 
Israeil  air  an  sgrios  leis  na  Canaanaich,  no 
na'n  d'fhuair  diathan  nan  cinneach  an  t-aite 
agus  an  t-urram  a  bhuineas  do'n  Dia  bheo 
agus  fhior,  bhiodh  rim  Dhe  a  thaobh  obair 


na  Saorsa  air  a  chumaU  air  ais  iiine  mhor, 
CO  dhiu  cho  fad  's  is  leir  dhuimie. 

(4)  Is  aithne  do  Dhia  crioch  gach  ni  o 
thoiseach  ;  tha  a  ruintean  suidhichte  o 
shiorruidheachd,  air  an  cur  ann  an  aoraibh 
a'  chruthachaidh  agus  air  am  foillseachadh 
ann  am  beatha  dhaoine,  agus  mar  sin  cha 
robh  ami  an  Israel  agus  ann  an  losua  ach 
innealan  no  meadhonan  leis  an  robh  Dia  a' 
coimhlionadh  a  ruintean  grasmhor  fein. 

(5)  Cha  ghabh  am  facal  so  atharrachadh 
no  mathachadh,  Is  e  orduighean  Dhe  a  riin 
siorruidh,  a  reir  comhairle  a  thoile,  leis  an 
(I'drduich  e  roimh  laimh,  chum  a  ghldire  fUn, 
gach  ni  a  thig  gu  crich. 


Anns  a'  Chathair 


BHITHEADH  nake  air  a'  chuid  mhor  de 
dhaoine  aideachadh  nach  bi  iad  a'  leughadh 
a'  Bhiobuill ;  ach  ma  bhitheas,  is  ann  an 
uaigneas,  oir  is  ann  fior  uair  annamh  a  chi 
thu  duine  a'  leughadh  a'  Bhiobuill  air  bata, 
no  ann  am  bus,  no  ann  an  carbad-siubhail 
air  bith,  ged  bhios  iad  a'  leughadh  leabh- 
raichean  eile  annta.  An  uair  a  bha  mi  ann 
an  Gleann  Urchadan  bhithinn  a'  faicinn 
sagairt  a  Mainistir  Chille-Chuimein  a'  leugh- 
adh a'  BhiobuUl  (ann  an  Laidionn)  fad  an 
t-siubhail  eadar  Ceithe  an  Teampuill  agus 
Inbhir-Nis,  an  aon  duine  air  bord  a  bha  ag 
ath-cheannach  na  h-aimsir  gu  glic.  Bha 
sud  'n  a  leasan  agus  'n  a  chronachadh  do  na 
Prostanaich,  na'n  gabhamaid  e. 

A  bheil  naire  air  daoine  a  bhi  au^  am 
faicinn  a'  leughadh  a'  Bhiobuill  ann  an  aite 
air  bith  ach  anns  an  eaglais,  no  aig  an  tigh  ; 
no  a  bheil  iad  a'  saoUsinn  gu'm  biodh  iad 
car  coltach  ris  na  Phairisich  na'm  biodh  iad 
'g  a  leughadh  air  la  seachduin  an  lathair 
dhaoine  ? 

Is  maith  an  gnothuch,  ma  ta,  gu'n  gabh 
am  BiobuU  faotainn  a  nis  ann  an  clodh 
garbh,  agus  eadar  na  ceart  chlair  a  tha  air 
leabhraichean  eUe,  agus  air  a  chur  a  niach 
ann  an  doigh  a  tha  e  fursada  a  laimhseachadh 
agus  a  leughadh.  Leabhar  tana  a  dh'fhaod- 
adh  duine  a  chur  'n  a  phoca,  ged  nach  biodh 
ann  ach  soisgeul  Lucais  agus  mu  dheich  ar 
fhichead  de  na  sailm,  sin  an  seorsa  leabhair 
a  bhiodh  freagarrach  do  luchd-turuis. 

An  drasd  's  a  ris  bithidh  mi  a'  faicinn 
ann  an  sgriobhaidhean  nan  ard-sgoilearan 
gu'n  do  chuir  an  t-eolas  ur  a  thug  iad  fhein 
dhuinn  mu  leabhraichean  a'  BhiobuiU 
beatha  agus  bias  anns  a'  BhiobuU  nach  robh 
ann  roimhe,  agus  gu  bheil  meas  na's  mo  air 
a"    Bhiobull    an    diugh    na    bha    air    riamh. 


Ach  gu  cead  nan  ard-sgoilearan  chan  'eil 
mise  an  diiil  gu  bheil  sin  fior.  Theagamh  gu 
bheil  e  fior  a  thaobh  beagan  dhaoine  an  sud 
agus  an  so,  ach  chan  'eU  e  fior  a  thaobh 
dhaoine  an  cumantas,  oir  tha  na  nithean  a 
tha  na  h-ard-sgoilearan  ag  radh  mu'n 
BhiobuU  a'  toirt  bhuapa  a'  chreidimh  a  bha 
aca  anns  an  leabhar  mar  fhior  Fhacal  Dhe. 

An  uair  a  bha  daoine  uile  a'  creidsinn  gur 
e  Facal  Dhe  a  bha  anns  a'  Bhiobull  uUe,  agus 
gu  bheU  gach  lide  anns  an  leabhar  fior, 
dh'fheumadh  iad  a  bhi  anabarrach  neo- 
churamach  mur  biodh  iarraidh  aca  air  a 
leughadh.  Ach  an  uair  a  tha  na  h-ard- 
sgoilearan  ag  innseadh  dhaibh  nach  e  na 
h-abstoil  idir  a  sgriobh  na  leabhraichean  a 
tha  fo'n  ainm,  ach  daoine  eile  nach  urrainn 
dhaibh  a  lorgachadh  no  ainmeachadh,  an 
ionghnadh  ged  chaUleadh  iad  an  earbsa  ann 
an  ughdarras  agus  ann  am  firinn  a'  BhiobuUl  ? 
Their  iad  nach  'eil  e  a'  deanamh  mughaidh 
air  bith  co  dhiubh  is  e  Pol  a  sgriobh  na 
litrichean  a  tha  fo  ainm,  no  bha  iad  air  an 
sgriobhadh  le  Calum-na-h-Eiphit  air  chor- 
eigin,  a  dh'fholuich  e  fhein  fo  chleoca  PhoU, 
los  tUleadh  a  thoirt  do  dhuin-eigin  eUe  ris 
an  robh  e  a'  connsachadh.  Chan  'eil  dreach 
na  ceUle  air  briathran  de'n  t-seorsa  sin. 

Cha  do  theagaisg  diadhairean  na  h- Eaglais 
Ath-leasaichte  riamh  gu  bheU  am  BiobuU 
neo-mhearachdach  a  thaobh  ni  air  bith  eile 
ach  a  thaobh  an  Fhoillseachaidh  a  tha  e  a' 
deanamh  air  Dia,  agus  a  thaobh  an  eolais  a 
tha  e  a'  toirt  dhuinn  air  Dia,  air  nach  biodh 
eolas  idir  aig  mac  an  duine  mur  b'e  gu'n 
d'fhoUlsich  e  e  fein,  agus  gu'n  do  labhair  e 
'n  a  Fhacal. 

Taobh  a  stigh  nan  criochan  sin  tha  am 
BiobuU  neo-mhearachdach,  "  air  a  dheachd- 
adh   le   Spiorad   Dhe,   agus   tarbhach   chum 


ANNS  A'  CHATHAIH 


teagaisg,  chum  spreige,  chum  leasachaidh, 
chum  oilean  ann  am  f  u-eantachd  ;  chum 
gu'm  bi  oglach  Dhe  coimhHonta,  Ian  deas 
chum  gach  uile  dheagh  oibre." 

Ach  chan  ann  a  leudachadh  air  cumhachd 
agus  fmnn  agus  neo-mhearachdas  a' 
Bhiobuill  a  thoisich  mi  air  an  t-seanchas  so 
an  drasd,  ach  a  radh  riusan  aig  nach  'eil 
teagamh  sam  bith  annta  cheana,  nach  'eil 
rathad  cinnteach  air  eolas  fhaotainn  air  Dia 
ach  'n  a  Fhacal  fein,  am  Facal  a  tha  anns  a' 
BhiobuU. 

Ann  an  seagh  fior  chan  'eil  ann  ach 
ruagadh  na  gaoithe  do  sgoilearan  agus  do 
mhinistearan  a  bhi  a'  deasbud  na  ceiste,  co 
dhiubh  is  e  no  nach  e  Facal  an  Tighearn  a 
tha  a'  labhairt  ruinn  anns  a'  Bhiobull,  oir 
tha  a'  cheist  sin  cheana  diiinte.  Dhearbh  am 
BiobuU  gur  e  Facal  Dhe  a  tha  ann  leis  na 
nithean  a  rinn  e  troimh  na  linntean,  agus  a 
tha  e  a'  deanamh  fhathast.  Ge  b'  e  aite 
anns  a  bheU  e  air  a  shearmonachadh  tha  an 
Dia  beo  a'  comh-oibreachadh  leis,  a' 
daingneachadh  an  FhacaU  leis  na  miorbhuil- 
ean  agus  na  comharraidhean  a  lean  e. 

Chan  ann  le  reusonachadh  no  argumaid 
a  tha  am  Biobull  air  fhireanachadh  mar 
Fhacal  Dhe,  ach  le  fianuis  agus  cumhachd 
an  Spioraid  a  tha  ann  fein.  Chan  urrainn 
duine  air  thalamh  a  radh  ciod  an  ceangal  a 
tha  eadar  litir  an  Leabhair  agus  an  Spiorad 
a  tha  ann.  Tha  an  Spiorad  sin  mar  a'  ghaoth, 
a'  seideadh  far  an  aill  leis.  Bhiodh  Iain 
Bunyan  ag  radii  gu  robh  e  air  uairean  a' 
faotainn  ann  an  aon  rann  de'n  leabhar 
uiread  de  thoradh  milis  's  nach  b'urrainn  e 
a  ghiiilan,  ach  air  uairean  eUe  gu  robh  am 
Biobull  clio  tioram  dha  ris  na  biorain  leis  am 
biodh  e  a'  toirt  beo  an  teine  ;  cho  tioram 
's  nach  b'urrainn  dha  mil  no  bainne  fhaotainn 
ann.  Tha  eadhon  deasachadh  cridhe  duine 
o'n  Tighearn  ;  "  fosgail  mo  shhilean,"  ars 
an  Salmadair,  "  chum  gu'm  faic  mi  nithean 
iongantach  o  d'  lagh." 

Ged  tha  an  saoghal  ag  atharrachadh  chan 
'eil  cridheachan  mhathraichean  ag  atharrach- 
adh, no  an  im  cheist  a  bhios  orra  an  uair  a 
bhios  aon  d'an  cloinn  a'  fagaU  fasgaidh  na 
dachaidh  a  dhol  do  sgoU  no  gu  cosnadh  anns 
a'  bhaile  mhor,  agus  tha  mi  an  dochas  gu 
bheU  gu  leoir  de  mhathraichean  an  diugh 
fhathast  anns  a'  Ghaidhealtachd  a  bhios  a' 
toirt  earail  agus  beannachd  dhaibh  leis  an 
aon  fhafeal  so,  air  an  robh  mise  gu  maith 
eolach  'n  am  oige.  "  Feuch,  a  luaidh,  gu'n 
leugh  thu  do  chaibideil  a  h-uile  la." 

"  Caibideil  a  h-uUe  la  ;  "  their  cuid  riut 
gu'm  faod  an  cleachdadh  so  fas  'n  a  fhasan 
gun   bhrigh,   gun  fheum ;    gisreagaich   nach 


fhearr  dad  na  bhi  a'  cur  crudha-eich  an  balla 
tighe  a  chumail  air  falbh  shithichean  is 
bhuidsichean.  Theagamh  gu'm  faod,  ach 
air  a  mhiosad,  is  maith  do  dhuine,  fianuis 
air  Dia  a  bhi  'n  a  thigh  agus  'n  a  laimh,  gun 
fhios  nach  cuir  Dia  'n  a  mhaitheas  agus  'n 
a  chumhachd  an  fhianuis  sin  'n  a  bheul  agjis 
'n  a  chridhe  la  air  choreigin.  Ach  air  an 
laimh  eUe  faodaidh  an  cleachdadh  so  a  bhi 
'n  a  mheadhon-grais  agus  beannachaidh,  a' 
cumail  duine  cuimhneach  air  Dia  o  oige, 
agus  a'  toirt  dha  an  gaol  sin  agus  an  t-eolas 
sin  air  a'  Bhiobull  a  tha  cho  tarbhach  ann 
am  beatha  na  diadhaidheachd. 

A  mach  o'n  Ollamh  Alasdair  Whyte  cha 
robh  ministear  ann  an  Dun-eideann  an  uair 
a  bha  mi  'n  am  oileanach,  a  bha  mi  cho 
gaolach  air  dol  do'n  eaglais  aige  ri  Dinsdale 
Young,  a  bhuineadh  do'n  Eaglais  Mhetho- 
dist,  agus  b'e  an  t-aobhar,  gu  robh  uiread 
de'n    Bhiobull    'n    a    shearmoin.  Bha   e 

mion-eolach  anns  an  Fhirinn,  agus  chan  e 
mhain  gu  robh  gaol  aige  air  an  Fhacal  ach 
ann  an  aon  searmon  bheireadh  e  fichead  agus 
da  fhichead  ni  nuadh  agus  sean  as  a  thigh- 
tasgaidh. 

Tha  aon  duals  mhaith  aig  ministearan  a 
bhios  a'  leughadh  a'  Bhiobuill  gun  sgur,  agus 
a  tha  mion-eolach  air,  nach  ruig  iad  a  leas 
dol  ann  am  maoim  oidhche  Shathurna  a' 
siubhal  ceann-teagaisg  air  son  an  la  maireach. 
Cha  robh  rath  riamh  air  cinn-theagaisg  na 
Sathurna  ;  is  e  na  cinn-theagaisg  bhuann- 
achdaU  an  fheadhainn  sin  a  leumas  ort  le 
'n  toU  fhein,  gun  sireadh  gun  iarraidh. 
"  Is  mor  sith  na  muinntir  a  tha  a'  toirt 
graidh  do  d'  lagh." 

Fad  bhhadhnachan  bha  an  searmonaiche 
ainmeil,  Tearlach  Spurgeon,  a'  cruinneachadh. 
"  Mil  nan  Salm  "  a  leabhraichean  dhiadhair- 
ean  a  sgriobh  mu  shailm  Dhaibhidh  ;  an  uair 
a  bha  an  obair  criochnaichte,  agus  a  chuir 
e  a  mach  am  fear  mu  dheireadh  de  na 
seachd  leabhraichean  mora  d'  an  d'thug  e 
an  t-ainm,  Tigh-ionmhais  Dhaibhidh,  sgriobh 
e  so  'n  a  thoiseach. 

Tha  mulad  orm  a  bhi  a'  fagail  sailm 
Dhaibhidh,  oir  chan  fhaigh  mi  air  thalamh 
tigh-stdir  eile  cho  Ian  no  cho  beartach  ris,  ged 
tha  an  saoghal  uile  fodham.  Na  laithean 
beannaichte  a  chuir  mi  seachad,  a'  beachd- 
smuaineachadh,  a'  gul,  a'  moladh,  ag  aideach- 
adh,  a'  seinn,  maille  ri  Daibhidh !  Am 
fiosraich  mi  laithean  eile  cho  sona  air  an 
taobh  so  de'n  gheata  oir  ?  Ach  tha  mi  an 
dochas  nach  bi  mo  chridhe  fein  gu  brath 
tuilleadh  gun  sith  no  gun  chedl  ann,  an 
deidh  dhomh  a  bhi  a'  dearcadh  air  nithean 
arda  an  comunn  Dhaibhidh. 


Anns  a^  Choille  Bheithe 


ANNS  na  leabhraichean-sgriobhaidh  aig 
Uilleam  Leishman  tha  iomadh  rud  air  a  chur 
sios  nach  bu  mhaith  leis  a  thoirt  am  foUais, 
a  chionn  nach  robh  iad  acli  eadar  Dia  agus 
e  fhein,  agus  is  coir  an  diomhaireachd  naomh 
a  tha  eadar  an  t-anam  agus  Dia  fhagail  mar 
sin  fhein  daonnan.  Gle  thric  an  uair  a  tha 
iad  air  an  toirt  a  mach  do'n  t-sohis  tha  iad  ag 
atharrachadh  an  datha,  agus  ma  dh'atharr- 
aicheas  rud  air  bith  a  dhath  bu  cho  maith 
dhuit  a  chumadh  a  bhi  air  atharrachadh 
cuideachd.  Tha    uiread    dhaithean    air 

briathran  dhaoine,  agus  ann  an  suilean 
dhaoine,  's  a  tha  anns  a'  bhogha-fhrois,  gartan 
riomhach  na  speur,  far  nach  'eil  e  furasd 
innseadh  c'aite  a  bheil  aon  dath  a'  criochnach- 
adh  agus  dath  eile  a'  toiseachadh.  Sin  mar 
tha  criochan  na  firinn  ;  atharraich  dath  na 
firinn,  agus  theid  an  fhirinn  'n  a  breig. 

Ach  ged  nach  faod  mi  na  nithean  so  a 
thoirt  am  follais,  faodaidh  mi  cuid  de  na 
smuaintean  a  thachair  orm  an  sud  agus  an 
so  'n  a  leabhraichean-la  a  chur  sios  air  aon 
ghad,  ged  nach  'eil  ceangal  air  bith  aca  ri 
cheile,  agus  ged  tha  iad  cho  eu-coltach  ri 
cheile  ri  sgadan  agus  cnodan  a  chuireadh  tu 
air  an  aon  ghad.  Bu  duine  Uilleam  Leishman 
a  bhiodh  daonnan  a'  cnuasachadh  air 
nithean  a  chunnaic,  no  chual  e,  no  leugh  e  ; 
air  fiosrachadh  a  bheatha  fein,  agus  air 
cilrsa  an  fhreasdail  anns  an  t-saoghal. 

"  Chan  e  cion  maitheis  no  cion  toile  as  mo 
a  tha  a'  miheadh  beatha  dhaoine  ach  cion 
tuigse  ;  tha  an  cridheachan  fada  na's  fhearr 
na'n  eanchainnean.  Mar  is  sine  tha  mi  a' 
fas  is  ann  is  motha  mo  mheas  air  an  uaisle 
agus  an  onoir  a  tha  ann  am  cho-chreutairean, 
ach  is  lugha  mo  mheas  air  an  tuigse  agus  an 
toinisg.  Tha  da  thrian  a  dh'olc  an  t-saoghail 
ag  eirigh  o  aineolas  agus  o  chion  ttiir  ;  chan 
e  am  peacadh  a  tha  a'  cumail  a'  chinne- 
daonna  a  mach  a  tir  a'  gheaUaidh  ach 
amhlaireachd  agus  baoghaltachd.  Ach  ciod 
an  daimh  a  tha  eadar  amhlaireachd  agus 
peacadh  ?  sin  ceist  eile." 

"  Chan  'eU  neamh  anns  a'  chruthachadh 
as  fhearr  na'n  neamh  sin  a  tha  cheana  aig 
duine  maith  'n  a  inntinn  fein  an  uair  a  bhios 
e  a'  smuaineachadh  uime  ;  eisdidh  na  naoimh 
le  ro-aire  eadhon  ri  briathran  baoghalta  o 
shearmonaiche,  ma  tha  e  a'  labhairt  mu 
neamh,  a  chionn  gu  bheil  e  a'  labhairt  air 
ni  air  a  bheil  gaol  aca." 

"  Tairngnidh  eaglaisean  teth,  agus  sear- 
monaichean  bras,  an  sluagh  car  greis,  ach  tha 
eaglaisean  measarra,  agus  searmonaichean 
ciallach,  na's  maireannaiche." 


"  Chan  abrainn  duine  maith  ri  duine  air 
bith  a  tha  crosda  ;  a  tha  duilich  cur  suas  leis, 
agus  a  dh'fhaodas  dol  air  theine  an  uair  nach 
saoil  thu.  Tha  a'  chrosdachd  ann  an  cuid 
de  dhaoine  gu  nadurra,  ach  gie  thric  tha  i  air 
a  daingneachadh  annta  le  muinntir  an 
teaghlaich  fhein,  a  bhios  a'  gabhaU  an 
lethsgeil,  agus  ag  radh  gu'n  tig  iad  as  an 
caise  no  as  an  crosdachd  ann  am  mionaid. 
Chan  'eil  seorsa  miomhaidh,  no  dalmachd, 
no  ana-ceartais,  no  peacaidh,  nach  tuit  an 
duine  crosda  ann,  uair  no  uaireigin  ;  agus  na's 
miosa  na  sin  tha  e  'n  a  eagal  agus  'n  a 
chilram  do  mhuinntir  a  thighe  fein  a  h-uHe 
la  d'a  bheatha.  Chan  'eil  ann  an  duine  cas, 
no  ann  an  duine  crosda,  ach  leth-dhuine  ; 
duine  nach  urrainn  dhuit  dol  an  urras  air 
a  mhaitheas." 

"  Theirinn  nach  'eil  daoine  air  an  t- 
saoghal  a  tha  air  an  gonadh,  agus  air  an 
goirteachadh,  cho  bitheanta  ri  daoine  a  tha 
faoin  agus  Ian  dhiubh  fhein.  Gle  thric  chan  e 
droch  dhaoine  a  tha  anns  an  t-seorsa  so  idir, 
ged  dh'  fhaodas  iad  gun  mhoran  doimhneachd 
gruinnd  a  bhi  annta,  ach  ma  chumas  tu 
do  shuilean  fosgailte,  chi  thu  gu  bheil  ni- 
eigin  ann  an  aoraibh  a'  chruthachaidh,  no 
mar  bu  choir  dhomh  a  radh,  ann  an  nadur 
mhic  an  duine,  a  tha  a'  peanasachadh  dhaoine 
faoine  na's  cinntiche  na  seorsa  air  bith  eile. 
Rachadh  seana  ramailear  a  bhris  na  h- 
aitheantan  uile  a  steach  do  chomunn  air 
bith,  agus  gabhar  ris  gun  droch  fhacal  uime, 
ma's  duine  companta,  cuideachdail  e  ;  ach 
rachadh  fear  no  te  a  tha  faoin  agus  Ian 
dhiubh  fhein  a  steach  do'n  cheart  chuideachd, 
fear  agus  te  nach  do  bhris  na  h-aitheantan 
mora  riamh,  agus  bithidh  tri  trianan  de'n 
chuideachd  air  bhior  feuch  am  faigh  iad 
cothrom  air  spailp  an  duine,  agus  prois  na 
guanaig  ud,  isleachadh.  Rud  neonach !  oir 
saoilidh  mi  nach  ann  mar  so  a  tha  an  t-Uile- 
chumhachdach  a'  sealltuinn  air  na  nithean 
a  tha  e  a'  faicinn  air  thalamh." 

Mar  a  dh'innis  mi  cheana  bha  UUleam 
Leishman  'n  a  fhoirbheach  ann  an  eagiais 
Chille-Sgumain,  agus  daonnan  aig  deireadh 
na  bliadhna  bhiodh  coinneamh  aig  an  t- 
Seisein,  a  roinn  tabhartas  a'  choimhthionail 
air  na  comuinn  araidh  a  tha  cur  air  aghaidh 
obair  na  h-eaglais,  agus  a  shealltuinn  thauis 
air  cunntasan  an  t-Seisein.  Is  ann  an  deidh 
dha  tighinn  dhachaidh  o'n  choinneamh  sin 
ann  an  December,  1919,  a  sgriobh  e  so  'n  a 
leabhar-la. 

"Am  measg  nan  cunntasan  a  chuir  an 
Cleireach  air  ar  beulaibh  aig  coinneamh 
an  t-Seisein  chur  e  c'unntais  o  Chomunn- 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


.Urrais  an  Glaschu  d'a  bheil  sinn  a' 
paigheadh  tri  puinnd  's  a  crun  's  a' 
bhliadhna  air  son  na  h-eaglais,  mar 
dhion  o  chall  a  dh'fhaodadh  tachairt  le 
teine  no  le  sgiorradh  air  bith  eile.  '  Ach 
chuir  Ebeneser  Venters,  foirbheach  iir  o'n 
Ghalldachd,  a  ghabh  sinn  a  steach  do'n 
t-Seisein  an  uiridh,  an  aghaidh  a'  chunntais 
a  phaigheadh,  air  a'  blionn  gu  bheil  an 
Tighearn  a'  gabhail  ciiraim  d'a  shluagh 
agus  d'a  obair,  agus  gu'm  bu  choir  dhuinn 
creideamh  a  bhi  againn  agus  an  eaglais  a 
leigeil  an  urra  ris,  seach  a  bhi  a'  toirt 
airgid  do  Chomunn  saoghalta  mar  urras 
nach  fuilaingeamaid  call. 

An  toiseach  cha  d'thubharrt  duine  diog  ; 
sheall  sinn  air  a  cheile  mar  gu'm  biodh 
balaich  bheaga  a  bha  air  an  tarruing  air 
beulaibh  a'  mhaighstir-sgoile,  is  thoisich 
am  ministear  air  a  chluais  a  shuathadh, 
mar  is  trie  a  bhios  e  a'  deanamh  an  uair  a 
bhios  e  ann  an  staing. 

B'e  Iain  MacCoimiich,  duine  cho  mln  's 
a  tha  air  an  t-saoghal,  a'  cheud  fhear  a 
labhair.  "  Bhitheamaid  sinne,"  ars  esan, 
"  gle  thoilichte  a  bhi  saor  o'n  airgiod- 
urrais  so  a  phaigheadh,  ma  gheallas  sibh- 
se  dhuinn,  a  Mghr  Venters,  gu'n  cuir  sibh 
fein  gach  ni  'n  a  aite,  ma  dh'eireas  dad 
do'n  eaglais,  agus  ma  bheir  sibh  dhuinn  an 
geaUadh  sin  air  paipear,  air  a  sheulachadh 
gu  laghail  leibh  fein  air  beulaibh 
fhianuisean." 

Ach  ged  bha  Mghr  Venters  cho  maith 
air  a  dhoigh  's  nach  briseadh  e  e  eaglais 
Chille-Sgumain  a  chur  suas  as  ur,  na'n 
rachadh  i  air  theine,  thubhairt  e  nach 
tugadh  e  seachad  paipear  de'n  t-seorsa  ud 
idir  idir,  ach  gu  robh  e  fhathast  de'n 
bheachd  gu  robh  sinn  a'  cosd  airgid  nach 
ruigeamaid  a  leas,  le  cion  creidimh.  "  Ach 
deanaibh-se,"  ars  esan,  'ur  toil  fein." 

B'  e  toil  an  t-Seisein  gu'm  paigheadh  an 
Cleireach  a'  chunntais  mar  b'abhaist." 

Sin  na  sgriobh  Uilleam  Leishman  mu'n 
chilis  aig  an  am,  ged  chuir  e  sios  air  duilleig 
eile  na  bha  e  fhein  a'  paigheadh  a  h-uile 
bliadhna  mar  airgiod-urrais  air  son  sheirbhi- 
seach,  agus  thighean,  agus  stuic,  agus  barra  ; 
suas  ri  da  cheud  punnd  Sasunnach.  Bhiodh 
e  an  diugh  moran  na  bu  truime  na  sin ;  far 
a  bheil  aireamh  mhor  sheirbhiseach,  agus 
aireamh  mhor  each,  bheir  an  t-airgiod- 
urrais  a  tha  aig  tuathanaich  ri  phaigheadh 
caob  mhaith  as  an  tighinn-a-steach.  Ma  tha 
seachd  no  ochd  a  dh'eich  agad  bu  cho  maith 
dhuit  fear  dhiubh  a  chall  a  h-uile  bliadhna 
ri   bhi  paigheadh   airgiod-urrais   air   an   son 


uile,    ma   dh'iarras   tu   urras    o   ghalair-an- 
fheoir. 

Ach  ged  nach  do  lean  Uilleam  Leishman 
gu  ceann-criche  a'  cheist  a  thog  am  foirbh- 
each Gallda,  faodaidh  mi  fhein  rud  no  dha 
a  radh  uimpe  air  an  duilleig  so.  Agus  ise  a' 
cheud  rud  a  their  mi,  gu  bheil  iomadh  facal 
anns  a'  BhiobuU  a  tha  a'  toirt  gniiise  do 
bheachdan  Mhghr  Venters,  ma  ghabhar  leo 
fhein  iad,  agus  ma  dhealaichear  iad  o  mhor- 
shruth  teagaisg  a'  Bhiobuill. 

Gheibhear  anns  an  t-Seann  Tiomnadh 
iomadh  facal  a  ghabhas  tuigsinn  anns  an 
t-seagh  so,  nach  tig  olc  an  caraibh  dhaoine 
a  tha  coisrigte  do  Dhia,  no  an  caraibh 
nithean  a  tha  air  an  naomhachadh  dha,  agus 
gheibhear  anns  an  TiomnadhNuadh,  ann  an 
teagasg  Chriosd,  facail  a  tha  ag  iarraidh  air 
daoine  na  bheil  aca  a  reic,  agus  gun  chiiram 
a  bhi  orra  na's  mo  na  tha  air  na  fithich  no 
air  na  fliiraichean,  a  chionn  gu'n  uUaich  Dia 
air  an  son.  Sin  briathran  nach  bu  choir 
dhuinn  a  shliseadh  sios  air  eagal  nach 
tuigear  iad  gu  ceart  le  luchd-turuis  baoghalta, 
oir  cha  do  chuir  iad  Criosduidh  riamh  air 
seachran.  An  uair  a  bha  an  Ti  naomh  agus 
uile-ghlic  a  labhair  iad  air  a  thogail  air  a' 
chrann-cheusaidh  dh'ullaich  e  air  son  a 
mhathar,  Muire,  agus  chuir  e  air  ciiram 
Eoin  i. 

Thug  Dia  tur  agus  tuigse  do  mhac  an 
duine  chum  gu'n  riaghladh  e  a  bheatha  leo, 
agus  bu  narach  dha  na'm  biodh  e  air  ais  air 
an  t-seangan  "  aig  nach  'eil  fear-seolaidh, 
fear-amhairc,  no  riaghlan,  ach  a  dh'ullaicheas 
a  bhiadh  's  an  t-samhradh,  agus  a  chruinn- 
icheas  a  theachd-an-tir  's  an  fhogharadh." 

Bha  Ebeneser  Venters  cearr  ann  a  bhi  a' 
saoilsinn  gu  robh  creideamh  aige  fhein  nach 
robh  aig  a'  mhinistear  no  aig  na  foirbhich 
eile  ;  an  uair  a  thugadh  a  dh'ionnsuidh  a' 
gharraidh  e,  cha  b'urrainn  dha  leum  thairis 
air  ;   cha  robh  na  sgiathan  aige. 

Agus  bha  an  Seisein  ceart  an  t-airgiod- 
urrais  a  phaigheadh,  oir  na'n  eireadh  dad 
do'n  eaglais  chuireadh  iad  uallach  agus 
dragh  air  daoine  eUe  le'n  dearmad. 

Ged  nach  toigh  leinn  aideachadh  dhuinn 
fhein,  is  e  an  fhirinn  nach  'eil  claon-bhaigh 
aig  cumhachdan  Naduir  no  freasdal  Dhe  ris 
an  fhirean  na's  mo  na  ris  an  aingidh,  ri 
eaglaisean  na's  mo  na  ri  tighean-seinnse. 
Ma  bhuail  sligean-sgrios  nan  Gearmailteach 
aon  tigh-griiide  (brewery)  ann  an  Dun-eid- 
eann  bhuail  iad  suas  ri  ceud  eaglais  ;  chuir 
iad  an  t-altair  naomh  'n  a  smur  ann  an 
Eaglais  Mhor  Lunnainn. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


Thachair  a  cheart  ni  ann  an  laithean  an 
t-SeannTiomnaidh;  chado  chum  f hireantachd 
lob  o  chall  a  chodaeh;  cha  do  chum  an  naomh- 
achd  lerusalem  agus  an  teampuU  o  bhi  air 
an  sgrios  le  teine.  Mar  sin  tha  e  ghc  do'n 
h-uile  duine  urras  a  bhi  aige  an  seotal  na 
ciste,  a  ni  ctiisean  na's  reidhe  d'a  mhnaoi 
agus  d'a  theaghlach,  no  do  dhaimhich  eile 


a  tha  an  earbsa  ris,  ma  dh'eireas  dad  dha 
fhein,  no  d'a  thigh,  no  d'a  chuid. 

Tha  cuimhne  agad,  a  leughadair,  air  an 
earail  a  thug  OHver  Cromwell  d'a  shaigh- 
dearan,  Earbaibh  ann  an  Dia,  agus  cumaibh 
am  f Mar  tioram.  Faodar  car  eile  a  chur  anns 
an  fhacal,  Earbaibh  ann  an  Dia,  agus 
cumaibh  'ur  n-airgiod-urrais  paighte. 


Aig  an  Uinneig 


A'  bhliadhn'-ur. 

Ged  bhios  daoine  a'  guidhe  "  bliadhna 
mhaith  ur  "  do  chach  a  cheile  am  bliadhna 
mar  is  abhaist  tha  amharus  againn  uile  nach 
bi  1941  'n  a  bhadhna  mhaith  no  shona,  a 
chionn  nach  'eil  coslas  air  a'  chogadh  tighinn 
gu  crich.  An  uair  a  tha  da  rioghachd  a  tha 
cho  laidir  agus  cho  diorrasach  ri  Breatunn 
agus  a'  Ghearmailt  an  sas  'n  a  cheile,  agus 
iad  le  cheile  cinnteach  nach  'eil  ach  buaidh 
no  bas  a'  feitheamh  orra,  cha  gheill  iad  gus 
nach  bi  deo  analach  air  fhagaU  annta.  Sin 
mar  tha  cuisean  an  drasd  ;  tha  iad  a'  dol  air 
an  aghaidh,  gun  an  dara  taobh  a'  cur  cas 
bhacaig  air  an  taobh  eile,  ach  an  da  rioghachd 
an  dtiil  agus  an  dochas  gur  e  an  te  eile  a 
dh'fheumas  geilltinn  an  toiseach  le  cion 
analach,  no  le  cion  air  choir-eigin  eile.  Tha 
sinne  an  dtiil  gu'm  faod  cion  iiilidh,  no  cion 
acfhuinn  eile,  toirt  air  a'  Ghearmailt  stad,  no 
gu'm  faod  cion  bidh  toirt  air  an  t-sluagh 
eirigh  an  aghaidh  Hitler,  ach  tha  iadsan  an 
diiil  gu'm  faod  cion  bhataichean,  no  driod- 
fhortan  air  choireigin  do  Chabhlach  Bhreat- 
uinn,  toirt  oirnne  stad.  Is  e  an  fhirinn  nach 
'eil  duine  air  thalamh  an  diugh  as  urrainn  a 
radh  c'uin  no  ciamar  a  chriochnaicheas  an 
cogadh,  agus  mur  urrainn  do  Winston 
Churchill,  no  do  Hitler  a  radh,  cha  bhiodh 
ann  ach  goraiche  do  dhaoine  eile  a  bhi  a' 
feuchainn  ris  an  toimhseachan  sin  fhuasgladh. 
Tha  sinn  uile  mar  dhoaine  ann  an  ceo,  a' 
faicinn  ceum  no  dha  air  thoiseach  oirnn,  ach 
sin  uile.  "  Anns  an  uchd  tilgear  an  crann- 
chm',  ach  is  ann  o'n  Tighearn  a  tha  a 
riaghladh  gu  leir." 

Sin  am  facal  mu  dheireadh  air  gach  ctiis  ; 
tha  Dia  air  a  righ-chathair,  agus  tha  Dia  a' 
riaghladh,  agus  a  chionn  gu  bheil,  faodaidh 
sinn  a  radh  ri  cheile  "  Bhadhna  mhaith  iir 
dhuit,"  CO  dhiu  a  chuireas  1941  crioch  air  a' 
chogadh  no  nach  cuir. 

Na  duilleagan  Gaidhlig. 

Bu  mhaith  leam  cuireadh  a  thoirt  do 
dhuine    air    bith    as    urrainn    Gaidhlig    a 


sgriobhadh  rud  a  chur  am  ionnsuidh  a 
dh'fhaodainn  a  thoirt  am  follais  anns  na 
duilleagan  Gaidhlig  so,  ach  tha  d^  rud  air 
nach  'eil  feum  air  bith  agam,  seann  searmoin 
agus  droch  bhardachd.  Chan  'eil  fhios  agam 
ciod  is  aobhar  dha,  ach  tha  moran  dhaoine 
anns  a'  Ghaidhealtachd  an  dilil  gu  bheU  an 
seasamh  mar  luchd-aideachaidh  air  a  dhean- 
amh  na's  diongmhalta,  ma  ni  iad  laoidh. 
Ach  mar  is  trice  chan  'eil  anns  na  laoidhean 
sin  ach  dreamsgal  gun  fheum,  a  chionn  gu 
robh  iad  air  an  cur  ri  cheile  le  daoine  anns 
nach  'eil  aon  deo  fhein  de  'n  bhardachd,  ged 
dh'fhaodas  iad  a  bhi  'n  an  daoine  daidhaidh. 
Bheirinn  duals  air  son  laoidh  mhaith,  ach 
tha  laoidh  mhaith  cho  tearc  ri  smeuran- 
dubha  's  an  FhaoiUeach. 

Tha  e  air  a  chiallachadh  gu'm  biodh  na 
duilleagan  Gaidhlig  so  rudeigin  coltach  ri 
"  Good  Words  "  ;  gu'm  biodh  seanchas  annta 
a  dh'fhaodadh  muinntir  na  Gaidhealtachd, 
aig  nach  'eil  moran  as  urrainn  iad  a  leughadh 
'n  an  cainnt  fhein,  a  leughadh  air  la  Sabaid 
no  seachduin,  gun  e  a  bhi  uUe  gu  leir 
crabhach.  Tuigidh  ar  luchd-leughaidh,  ma 
ta,  ciod  a  bu  mhaith  leam  fhaotainn ; 
seanchas  ciaUach  gun  sgithealas  ann,  air 
cuspair  air  bith  a  bhuineas  do'n  t-saoghal 
anns  a  bheU  inntinnean  dhaoine  beo  a' 
gluasad ;  seanchas  nach  dean  cron  do'n 
eaglais  no  do'n  Chreideamh,  ged  bhiodh  e 
an  taobh  a  mach  de  na  criochan  aca.  Tha 
inntinn  mhic  an  dhuine  mar  na  seilleinean, 
a  thairngeas  mil  a  fluraichean  air  nach  'eU 
an  aon  choslas,  no  an  aon  dath,  eadhon  as 
a'  bhuaghaUan-ruadh  fhein. 

Tha  iomadh  bliadhna  o  nach  robh  m'ainm- 
sa  air  a  sgriobhedh  air  na  duUleagan  so, 
air  chor  agus  gu  bheil  moran  de  na  bhios  'g 
an  leughadh  aig  nach  'eil  fhios  c6  tha  'g 
an  deasachadh,  oir  bithidh  iad  a'  cur 
litrichean  umpa  gu  Dun-eideann.  Duine  air 
bith,  ma  ta,  aig  a  bheU  sgriobhadh  air  bith  ri 
thairgsinn  do'n  Fhear-dheasachaidh,  cuir- 
eadh e  an  sgriobhadh  sin  gu  Domhnull 
Mac  Laomuinn,  am  Blar  Atholl. 


AIG  AN  UINNEIG— COMUNN  NAN  CAIRDEAN 


Bho  chionn  mhiosachan  fhuair  mi  litir, 
d'am  bu  mhaith  learn  fios-freagairt  a  thoirt, 
o  dhuin-eigin  an  Dun-eideann  nach  do  chuir 
ainm  no  a  chomhniudh  oirre  ;  cha  robh 
seoladh  air  bitli  oirre  ach  a  mhain  gur  ann  o 


"  Eoghan  Og  "  a  bha  i.  Ach  ged  tha  luchd- 
liubliairt  nan  litrichean  gu  maith  gleusda 
air  daoine  a  lorgachadh  cha  bu  mhaith  leam- 
sa  iarraidh  orra  Ktir  a  Hubhairt  do  "  Eoghan 
6g,"  an  Diin-eideann. 


Comunn  nan  Cairdean 


CHAN  'Bil  Comunn  nan  Cairdean  a'  fritheal- 
adh  sacramaid  a'  Bhaistidh  no  Suipear  an 
Tighearna  mar  tha  Criosduidhean  eUe.  Tha 
iad  a'  cumail  a  mach  liach  'eU  ann  am 
baisteadh  le  uisge  ach  cleachdadh  ludhach, 
rud  o'n  taobh  a  muigh  anns  nach  'eil  eifeachd 
air  bith.  Tha  iad  a'  teagasg  gur  e  baisteadh 
spioradail  a  tha  air  orduchadh  do  chreidmhich, 
chan  ann  o'n  leth  a  muigh  ach  o'n  leth  a 
stigh,  agus  mar  urrainn  air  an  teagasg  sin, 
bheir  iad  dhuit  na  briathran  a  labhair  Eoin 
a'  Bhaistidh  fhein,  "  Tha  mise  'g  'ur  baisteadh 
le  uisge,  ach  tha  neach  a'  teachd  am  dheidli 
a  bhaisteas  sibh  leis  an  Spiorad  Naomh  agus 
le  teine."  Air  an  doigh  cheudna  tha  iad  a' 
cumail  a  mach  nach  'eU  eifeachd  air  bith  ann 
an  aran  no  ann  am  fion  gus  daoine  a  thoirt 
ann  an  dluths  ri  Criosd  ;  gur  e  an  Spiorad 
Naomh  a  mhain  a  tha  'g  a  dheanamh. 

The  doighean  dhaibh  fein  aca  a  thaobh 
posaidh.  Chan  'eil  iad  ag  iarraidh  sagart  no 
siorram  aig  posadh,  oir  tha  iad  ag  radh  gur 
e  Dia  a  mhain  as  urrainn  an  ceangal  sin  a 
dheanamh  eadar  fear  agus  bean.  Tha  a' 
charaid  a'  seasamh  ann  an  lathair  fhianuisean 
creideasach,  agus  a'  gealltuinn  gu'm  bi  iad 
gradhach  is  dileas  d'a  cheile  gus  an  cuir  am 
bas  sgaradh  eatorra.  Sin  uile  na  leigeas  iad 
a  leas  a  dheanamh.  Ach  m'an  teid  an 
gnothuch  cho  fada  sin,  feumaidh  iad  dol 
troimh  chiirsachan  eile  am  measg  an  daoine 
fein.  Feumaidh  iad  innseadh  roimh  laimh 
do  na  Cairdean  eile  ciod  a  tha  'n  am  beachd, 
a  chum  cothrom  a  thoirt  do  neach  air  bith 
grabadh  a  chur  anns  a'  phosadh  ma  tha 
aobhar  air  sin  a  dheanamh.  Cha  toigh  led 
gu'm  pos  na  daoine  aca  fear  no  te  nach  buin 
do  'n  Chomunn  aca  fhein  ;  ma  ni  iad  sin  tha 
iad  air  an  smachdachadh. 

Chan  'eU  iad  a'  creidsinn  ann  a  bhi  toirt 
meas  do  phearsa  seach  a  cheile,  oir  tha  iad 
a'  cumail  a  mach  gu  bheit  a'  bheic  dluth  do'n 
bhrosgul,  agus  gu  bheil  am  brosgul  dliith 
do'n  pheacadh.  Do  sheann  aois  agus  do 
dhaoine  a  tha  comharraichte  air  son  diadh- 


aidheachd  bheir  iad  dhiubh  an  comhdach- 
cinn,  abh  chan  'eil  iad  a'  creidsinn  ann  a 
bhi  toirt  urraim  do  mhaithean  an  t-saoghaU 
nach  toir  iad  do  bhochdan  an  t-saoghaU. 

A  thaobh  cogaidh,  tha  iad  fada  air 
thoiseach  air  a'  chorr  de'n  t-saoghal,  oir  tha 
iad  a'  seasamh  gu  daingean  air  a'  bhonn  so, 
gu  bheil  e  an  aghaidh  prionnspalan  an 
t-soisgeil.  Gle  bhitheanta  tha  eaglaisean 
eile  a'  beannachadh  cogaidh,  ach  tha  Comunn 
nan  Cairdean  daonnan  'g  a  mhallachadh. 
Is  iad  an  aon  seorsa  dhaoine  d'  an  tugadh 
muinntir  an  airm  geill,  an  am  a'  chogaidh  mu 
dheireadh,  an  uair  a  thigeadh  iad  air  beulaibh 
ciiirte,  a'  tagar  gu  robh  reusan  coguiseach 
aca  gun  dol  do'n  arm.  Ann  an  laithean  na 
sithe  tha  iad  a'  togaU  am  fianuis  an  aghaidh 
an  uilc  so  a  cheart  cho  maith  's  a  tha  iad  'ga 
dheanamh  an  am  cogaidh. 

Is  e  na  Cairdean  a'  cheud  eaglais  a  thoisich 
air  ciiis  nan  traillean  a  thagar,  ag  iarraidh 
saorsa  a  thoirt  dhaibh.  A  thaobh  gach  ceist 
a  thainig  air  beulaibh  na  Parlamaid  bho 
chionn  da  cheud  bliadhna,  anns  an  robh 
nithean  a  bhuineadh  do  lagh  an  t-soisgeil  no 
do  shaorsa  coguis  air  am  fUleadh  a  steach, 
bha  na  daoine  so  riamh  air  thoiseach  air 
eaglaisean  eUe  ann  am  breith  chothromach 
a  thoirt  seachad. 

Tha  iad  a'  creidsinn  ann  an  simplidheachd 
anns  na  h-uile  nithean  ;  cha  toigh  leo  aodach 
riomhach,  no  biadh  soghmhor,  no  moran 
bhriathran  ;  is  e  am  miann  dol  troimh  an  t- 
saoghal  gu  h-iriosal  samhach,  a'  deanamh  toil 
Dhe  ann  an  uaigneas.  Chan  'eil  iarraidh  aca 
air  ainm  no  urram  fhaotainn  o  dhaoine  agus 
cha  chluinnear  iad  a'  togaU  an  guth  anns  na 
sraidean. 

Tha  iad  anabarrach  maith  d'  am  bochdan 
fhein,  agus  maith  d'an  coimhearsnaich  uile, 
ged  nach  buineadh  iad  d'an  comunn,  oir  tha 
iad  daonnan  a'  feuchainn  ri  cleachdanna  nan 
abstol  a  leantuinn. 


Aireamh  3 


1941 


Air  an  Stairsnich 

Le  I.  F. 


BU  mhaith  learn  naidheachd  innseadh  inu 
ghille  6g  a  bha  aon  uair  dluth  do  rioghachd 
neimh  ach  a  tharwiing  air  ais  a  chionn  nach 
robh  de  mhisnich  aige  na  ghabhadh  an  ceum 
mu  dheireadh  thar  an  stairsneach. 

Bha  e  gasda  'n  a  pbearsa  agus  gasda  'n  a 
'nadur  agus  'n  a  chllti ;  mac  as  am  faodadh 
parantan  air  bith  a  bhi  uasal.  Bha  e  air 
toiseachadh  air  a  sgiathan  a  sgaoileadh  agus 
dol  air  cheann  gnothuich  air  a  shon  fein, 
agus  a  reir  choslais,  bha  laithean  maith  agus 
soirbheachadh  anns  an  dan  dha,  oir  bha 
gach  ciiis  fabharach  dha. 

Bha  e  air  a  thogail  gu  maith  agus  air 
oileanachadh  gu  maith,  agus  theireadh  tu 
gu'n  rachadh  leis  gu  maith  ann  an  gnothuich- 
ean  an  t-saoghail. 

Thainig  e  'n  am  inntinn  gu'm  bitheadh  e  'n 
a  rud  mor  an  gille  6g  ud  a  chosnadh  do 
Chriosd,  oir  bha  mi  cinnteach  gu'm  bitheadh 
e  'n  a  dheagh  shaighdear  na'n  toisicheadh  e 
air  Criosd  a  leantuinn. 

Bhruidhinn  mi  ris  uime  so,  ag  iarraidh  air 
e  fein  a  tEoirt  do  Dhia  mar  bheo-iobairt  tre 
losa  Criosd  a  mhac,  a  thug  e  fein  mar 
iobairt-reite  air  ar  son-ne,  ach  ged  dh'  eisd  e 
rium  gu  reidh  siobhalta,  thubhairt  e  air  a 
shocair,  "  Cha  fhreagradh  sin  dhomh-sa  idir." 

"  Nach  freagradh  ?  "  arsa  mise. 

"  Cha  fhreagradh,"  ars  esan ;  "  dh' 
fheumainn  iomadh  rud  eile  a  leigeil  bhuam, 
na'n  toisichinn  air  Criosd  a  leantuinn, 
nithean  nach  'eil  an  saoghal  a'  cunntas 
peacach  no  eucorach,  ach  nach  'eil  uile  gu 
leir  a  reir  inntinn  Chriosd  no  teagasg  an 
Tiomnaidh  Nuaidh." 

Bha  e  samhach  car  greis,  agus  an  sin 
labhair  e  a  ris. 

"  Chan  aithne  dhuibh-se,"  ars  esan, 
'■  doighean  an  t-saoghail  anns  a  bheil  agam- 
sa  ri  m'  aran  laitheil  a  chosnadh,  air  neo 
thuigeadh  sibh  ciod  tha  mi  a'  ciallachadh. 
Na'n  toisichinn-sa  air  Criosd  aideachadh  dh' 
fheumainn  a  bhi  onarach  agus  riaghailtean 
Chriosd  a  leantuinn  an  aite  doighean  an 
t-saoghail  agus  nan  daoine  ris  a  bheil  mo 
ghnothuch  gach  la.  "  Dh'  fheumainn  dol  le 
Criosd  fad  na  slighe,  gun  stad  leth  rathaid  ; 
dh'  fheumainn  '  sud  agus  so  '  a  thoirt  suas 
air  ghaol  a  bhi  onarach." 


"  Ciod  a  tha  thu  a'  ciallachadh  le  '  sud 
agus  so  '  a  thoirt  suas  ?  " 

"  Tha,"  ars'  esan,  "  gu'm  feumainn  stad 
de  bhi  a'  cluich  golf  air  an  t-S^baid ;  gu'm 
feumainn  companaich  as  toigh  leam  a 
sheachnadh  a  chionn  gu  bheil  fhios  agam 
nach  'eil  suim  aca  do  Dhia  no  do  dhaidhaidh- 
eachd ;  ach  gu  sonruichte  gu'm  feumainn 
doighean  marsantachd  a  thoirt  suas  a  tha  a' 
paidheadh  dhomh  gu  maith  ged  nach  'eil  iad 
maith  dh'  fhaoite  a  reir  doighean  Chriosd. 
Tha  fhios  agaibh  nach  'eil  e  furasda  do 
dhuine  teagasg  Chriosd  a  leantuinn  ann  am 
malairt  no  aig  cuntar  biitha  ;  na'n  toisichinn- 
sa  air  Criosd  a  leantuinn  chaillinn  mo  bheo- 
shlaint,  agus  is  e  sin  call  nach  bu  mhaith  leam 
fhulang." 

Coltach  ris  an  duine  6g  eile  m'  an  d'  innis 

Criosd,  thionndaidh  e  air  falbh  o  Chriosd  gu 

bronach,  oir  bha  a  chridhe  anns  an  t-saoghal. 
***** 

B'  aithne  dhomh  duine  6g  eile  a  rum  a 
cheart  rud,  fear-oibre  a  bha  eu-coltach  ris  a' 
ghille  ud  anns  gach  doigh  eile  ach  a  mhain 
gu'n  do  thionndaidh  e  air  falbh  o  Chriosd. 

Ann  an  te  de  na  h-eaglaisean  a  tha  ann  an 
Ceann  Shear  Glaschu  bha  coinneamhan  sois- 
geulach  air  an  cumail.  Bheannaich  Dia  na 
coinneamhan,  is  dhoirt  e  mach  an  Spiorad 
Naomh  air  chor  agus  gu'n  robh  peacaich  air 
an  dusgadh  agus  moran  air  an  iompachadh. 

A  h-uile  oidhche  fad  sheachduinean  bha 
an  eaglais  Ian,  is  dh'  aidich  suas  ri  tri  cheud 
Criosd.  Is  aithne  dhomh  feadhainn  de  na  dh' 
aidich  aig  na  coinneamhan  ud,  agus  faodaidh 
mi  a  radh  gu  bheil  iad  a  nis  a'  deanamh 
seirbhis  do'n  Tighearn  gu  dileas  agus  gu  sona. 

Aig  na  coinneamhan  ud  bhitheadh  na 
h-iompachain  a'  cur  an  ainme  air  cau't  mar 
chomharradh  gu  robh  iad  'g  an  toirt  fein  do 
Chriosd.  Feasgar  araidh  dh'  iarr  an  duine 
6g  ud  cairt,  is  gheall  e  a  toirt  air  ais  an  uair  a 
bheireadh  e  e  fein  do  Chriosd. 

Seachduin  'n  a  dheidh  sin  thug  e  dhomh  a' 
chairt  air  ais  ach  gun  ainm  air  a  sgriobhadh 
oirre.  "  Chan  urrainn  mi,"  ars'  esan,  '''  m' 
ainm  a  chur  rithe,  oir  na'n  toisichinn  air 
Criosd  a  leantuinn  dh'  fheumainn  stad  de'n 
aon  ni  as  mo  a  tha  toirt  de  thoil-inntinn 
dhomh  anns  an  t-saoghal." 


AIR  AN  STAIRSNICH— AM  MEASG  NAN  SEOLADAIREAN 


Sud  fear  eile  a  thionndaidh  air  falbh  o 
Chriosd  gu  bronach,  a  chionn  nach  b'  urrainn 
dha  ni  araidh  a  thoirt  suas  air  a  sgath. 

Tha  moran  dhaoine,  a  leughadair  (agus  co 
a,ige  a  tha  fhios  nach  ann  dhiubh  thu  fein), 
aig  a  bheil  fhios  gu  maith  nach  urrainn  iad 
iad  fein  a  thoirt  suas  do  Chriosd  gu  ceart  gus 
an  cuir  iad  bhuapa  ni-eigin  nach  toigh  led 
dealachadh  ris,  ged  tha  iad  cinnteach  gu 
bheU  e  a'  seasamh  eadar  riu  agus  Criosd. 
Ged  bu  mhaith  leo  a  bhi  'n  an  Criosduidhean 
tha  gairm  Chriosd  ro  ard  agus  ro  dhuihch. 

Gairm  ard. 

Chan  'eil  feum  ann  dhuinn  a  radh  nach  rud 
duiHch  e  Criosd  a  leantuinn.  Tha  sin  air  a 
chur  gu  soilleir  ''n  a  theagasg  fein,  oir  cha  bu 
mhaith  leis  a  dheisciobuil  a  bhi  air  am 
mealladh.  Ged  nach  dubhairt  e  gu  bheU 
fein-aicheadh  'n  a  mheadhon-slainte  thubhairt 
e  gu  bheil  fein-aicheadh  air  iarraidh  orra-san 
uUe  a  thearnar,  aon  de  na  cumhachan  a  tha 
e  a'  cur  air  a  dheisciobuU.  "  Ma's  aill  le 
neach  air  bith  teachd  am  dheidh-sa,  aicheadh- 
adh  se  e  fein,  agus  togadh  e  air  a  chrann- 
ceusaidli  agus  leanadh  e  mise  "  (Mata  xvi.  24). 

An  abair  thu  gu  bheil  sin  cruaidh  ?  Is  e 
an  fhirinn  gu  bheil  moran  dhaoine  leis  am  bu 
mhaith  dol  do  neamh  an  deidh  am  bais  leis 


nach  toil  Criosd  a  leantuinn  an  laithean  am 
beatha.  Ach  ma  leigeas  neach  bhuaith  ni 
air  bith  air  sgath  Chriosd  cha  chall  dha  sin  a 
dheanamh  ach  buannachd  shiorruidh. 


0  chionn  bhliadhnachan  bha  e  air  iarraidh 
air  caraid  dhomhsa,  a  bha  air  cheann  tigb- 
marsantachd  mor,  malairt  a  dheanamh  air 
la  na  Sabaid,  malairt  a  bhiodh  buannachdail 
dha  fein  agus  d'a  mhaighsttr.  Ach  dhiult  e  a 
dheanamh  a  chionn  gu'm  b'  fhearr  leis  sith  a 
bhi  aige  'na  chpguis  seach  buannachd  shaogh- 
alta.  ChaiU  e  'aite,  ach  ann  am  beagan  uine 
fhuair  e  aite  eile,  agus  aite  a  b'  fhearr,  agus 
o'n  la  sin  gus  an  diugh  cha  robh  dith  no 
deireas  air,  is  chan  e  mhain  gu  bheil  na  tha 
feumail  dha  de  mhaoin  an  t-saoghaU  so 
aige,  ach  tha  e  a'  toirt  moran  airgid  a  h-uUe 
bliadhna  do  aobhar  an  Tighearna.  "  Dhaibh- 
san  a  bheir  urram  dhomhsa  bheir  mise  ur- 
ram  "  (1  Sam.  ii.  30). 

Luach  an  anma. 

Ciod  an  tairbhe  a  tha  ann  do  dhuine  ged 
choisneadh  e  an  saoghal  uUe  agus  anam  fein 
a  chaU  ?  Cuimhnich,  a  charaid,  nach  'eil 
call  air  an  t-saoghal  cho  eagaUach  ri  call  an 
anma. 


Am  measg  nan  Seoladairean 

Leis  an  Urramach  Murchadh  MacLedid,  an  Cill  Mhoire. 


CHUIR  daoine  ghc^an  Eaglais  na  h-Alba  agus 
anns  an  Eaglais  Shaoir  an  cinn  r'a  cheile  aig 
toiseach  a'  chogaidh  ach  ciod  an  cuideachadh 
spioradail  a  b 'urrainn  iad  a  thoirt  do  na 
Gaidheil  a  bha  anns  a'  chogadli,  'n  an  canain 
fein. 

An  deidh  a'  cheist  a  rannsachadh  gu  mionaid- 
each,  dh'aontaich  iad  gu'n  comh-oibricheadh 
an  da  Eaglais  anns  a'  chtiis,  mar  a  rinn  iad 
aig  a'  chogadh  eUe  ;  gu'n  uUaicheadh  iad 
leabhraichean  freagarrach  Gaidhlig  do  na 
saighdearan  agus  do  na  seoladairean,  agus 
o  am  gu  am  gu'n  cuireadh  iad  dithis 
mhinistearan,  fear  as  gach  Eaglais,  gu  ruige 
Sasunn,  le  da  phort-mara  air  chiiram  gach 
fir. 

Thachair  gur  mise  a  chaidh  ann  an 
toiseach  o  Eaglais  na  h-Alba,  agus  's  e 
iomradh  air  an  obair,  mar  a  chunnaic  mise  i, 
a  dh'iarr  am  fear-deasachaidh  orm. 

Bha  ceip-starra  anns  an  t-shghe  an 
toiseach,  mar  is  trie  a  tha,  ann  an  obair  ur. 
Bha  an  da  phort  ciadan  mile  o  cheile,  agus 


gun  fhios  fhathast  de  an  doigh  a  b'fhearr  air 
an  oibreachadh  ;  bha  solus  ri  chur  do  chuid 
de  na  fir  mhora  a  bha  shios,  air  an  t-eadar- 
dhealachadh  a  tha  eadar  an  soisgeul  an 
Gaidhlig  agus  an  soisgeul  am  Beurla,  do 
ghUlean  nan  gleann  agus  nan  eileanan— ; 
nach  robh  ministear  Beurla  aca,  agus  car 
son  a  bha  feum  air  fear  eUe.  Bha  cead  ri 
fhaotainn  o'n  fhear  so  mu'n  rachadh  tu  sud, 
agus  o'n  fhear  ud  mu'n  rachadh  tu  so  ;  aite 
ri  lorg  anns  an  cumadh  sinn  na  seirbhisean, 
agus  an  leithid  sin,  ach  bha  ceannardan  an 
aite  'n  an  daoine  uasal,  coire,  agus  le  'n 
cuideachadh-san  cha  b'fhada  gus  an  do 
chum  sum  a'  cheud  seirbhis. 

A  thuiUeadh  air  searmonachadh,  bha  tigh- 
eiridinn  anns  gach  port,  anns  an  robh 
Gaidheil,  tinn  is  leonta,  agus  litrichean  ri 
an  sgriobhadh  do  chuid  aca  ;  bha  bataichean, 
anns  an  robh  Gaidheil  a'  falbh  's  a'  tighinn  ; 
bha  na  mnathan  an  Alba  ri  figheadh  agus 
feasgar  toilichte  againn  'nuair  a  thigeadh  na 
stocainean  agus  iomadh  ni  eile  a  bha  iad  a' 


AM  MEASG  NAN  SEOLADAIREAN 


cur  d'ar  n-ionnsaigh.  Eadar  a  h-uile  rud  a 
bha  ri  dheanamh  cha  robh  an  uine  fada  ri 
dol  seachad,  agus  bha  mi  duilich  a'  dealach- 
adh  ris  an  obair  agus  ri  giliean  a  bha  duineil 
'n  an  glusad  agus  fritheilteach  air  na 
meadhonan. 

Tha  fior  chairdeas  am  measg  nan  Gaidhea 
anns  na  puirt  ud.  La  bha  sud  thadhaill  bata 
anns  an  robh  fear  aca,  agus  i  air  a  turus  gu 
duthaich  chein,  an  aon  de  na  puirt ;  cheangaU 
i  ri  taobh  b^ta  anns  an  robh  Gaidheal  eUe, 
agus  cha  b'fhada  gus  an  do  lorg  iad  a  cheile. 
Anns  an  t-seanchas  a  bha  eatorra  dh'innis- 
am  fear  a  bha  falbh  gu'n  robh  bean  is  clann 
aige.  'Nuair  a  chuala  am  fear  eile  sin  chaidh 
e  a  dh'iarraidh,  agus  fhuair  e,  cead  falbh  'n 
a  aite.  Mu'n  do  rainig  mise  an  acarsaid  am 
feasgar  sin  fein  bha  am  fear  6g  air  seoladh 
an  aite  an  fhir  eUe,  agus  chan  fhaca  mi  e,  ach 
tha  mi'n  dochas  gu'n  till  e  slan,  fallan,  agus 
'nuair  a  bhitheas  an  upraid  so  seachad  gu'n 
coinnich  iad  a  rithist  an  eilean  am  breith. 

Nach  'eil  sibh  fein ! 

Bu  mhaith  leam  an  cothrom  so  a  ghabhail 
air  da  cheisd  a  chaidh  a  chur  orm  a  f hreagairt, 
gun  fhios  nach  'eil  iad  air  daoine  eile  anns  a' 
Ghaidhealtachd,     'S  e  a'  cheud  te — 

Am  bheil  na  seoladanean  a'  cur  meas  air 
na  seirbhisean  so  'n  an  canain  fein  1 

Chan  'eil  teagamh  sam  bith  mu  fhreagairt 
na  ceisde  sin.  Dh'fhaighnich  mi  dhiubh  an 
aon  aite  am  biodh  iad  air  son  coinneamh 
troinih  an  t-seachduin.  Fhreagair  iad  gu'm 
bitheadh,  cho  inntinneach  's  gu'n  d'thubhairt 
mi  riutha,  "  Am  bu  toil  leibh  a  dha."  "  Mm- 
bi  e  cus  dhuibhse,"  ars  iadsan,  "  bu  mhath 
.leinn  coinneamh  a  h-uile  feasgar." 

'S  e  aon  ni  tha  ann  duine  a  dh'ainmeachadh 
gu'm  bi  coinneamh  ann  a  h-uile  feasgar  ;  's 
e  ni  eile  a  tha  ann  fios  a  bhi  aige  gu'm  bheU 
e  am  measg  muinntir  a  tha  'g  iarraidh  sin. 

Feasgar  eile,  feasgar  breagha  samhraidh, 
aig  crioch  na  setrbhis,  thubhairt  fear  aca, 
"  Saoilidh  mi  nach  e  an  aon  aite  a  tha  so 
bho  thoisich  na  coinneamhan  Gaidhlig. 
Dhichuimhnich  mi  nochd  nach  ann  aig  an 
tigh  a  bha  mi  agus  'nuair  a  thiginn  a  mach  gur 
h-e  cabhsair,  farsuing,  cruaidh,  agus  duine  le 
guima  au*  a  ghualainn  a  chithinn  an  aite 
crodh  is  caoirich  is  fraoch.  Tha  mi'n  dochas 
gun  ctim  na  h-Eaglaisean  seirbhis  Ghaidhlig 
an  so  fad  a'  chogaidh." 

Aig  am  eUe  chunnaic  sinn  nach  biodh  e 
comasach  dhuinn  an  t- seirbhis  a  chumail  aig 
uair  a  fhreagradh  na  giliean  uile,  ach  far  am 
bi  toil  bidh  gnzomh !  Shuidhich  sinn  uair  a 
fhreagradh  a  chuid  bu  mhotha,  agus  an 
fheadhainn  a  bha  sas  an  obair  eile  aig  an 


uair  sin  bha  iad  a'  tighinn  cho  luath  's  a  bha 
iad  saor,  agus  fhuaradh  doigh  air  cur  an 
cuimhne  an  fheadhainn  aig  an  robh  dleas- 
danais  ri  fhrithealadh  mu'm  bitheadh  an 
t-seirbhis  seachad,  c'uin  a  bha  an  t-am  aca 
falbh.  Bha,  mar  sin,  euid  a'  tighinn,  's 
docha,  'nuair  a  bhitheadh  sinn  a'  leughadh 
na  -caibideil,  agus  cuid  a'  falbh  gu  gairmean 
eile,  mu'm  bitheadh  an  t-seirbhis  buileach 
seachad.  Nach  'eil  na  nithean  sin  a'  freagairt 
na  ceisde,  "  Am  bheU  na  seoladairean  a'  cur 
meas  air  seirbhis  Ghaidlilig  ?  " 

'S  e  a'  cheisd  eile  a  chuireadh  rium, 
"  ciamar  a  chuidicheas  sinn  an  obair  so  ?  " 
'S  iomadh  doigh  sin.  Ma's  te  sibh  a 
bhitheas  a'  figheadh  na  leigibh  leis  na  biorain 
meirgeadh.  Tha  e  gle  fhuar  a  muigh  air  a' 
chuan,  agus  ma  bhitheas  .sibh  a'  deanamh 
mheatagan  do  sheoladair  cuiribh  meuran 
orra,  agus  is  toigh  leis  dorcha  's  an  dath  iad. 
'S  ann  dubhghorm  a  tha  dheise. 

A  rithis,  's  gann  a  leigeas  mi  leas  a  radh 
gur  h-e  obair  chosdail  do'n  da  Eaglais  a  tha 
ann,  agus  gu  bheU  iad  an  crochadh  air  ar 
saor-thiodhlacan-ne  air  son  a  cumail  air  a 
h-adhart.  Tha  mi  cinnteach  gu  bheil  iomadh 
neach  's  a'  Ghaidhealtachd,  agus  an  ^itean 
eile,  a  bhitheadh  duihch  na'm  bitheadh 
maille  air  a  chur  's  an  obair  le  cion  airgid. 

Tha  mi  cheart  cho  cinnteach,  gur  h-iomadh 
bonn  a  tha  ann  an  seotal  ciste  no  an  sporan 
beag  an  ait-eigin  a  thigeadh  asda  ach  fios  a 
bhi  aig  an  fheadhain  leis  an  leis  iad  gu  bheU 
feum  orra  air  son  seirbhisean  Gaidhlig  a 
chumaU  ris  na  gilleaa  a  tha  air  falbh.  Na'm 
bitheadh  sibh  'g  am  faicinn  an  t-seachduin 
a  bha  iad  gun  chadal  gun  tamh,  ag  aiseag 
nan  saighdearan  a  Dunkirk,  no  a'  tighinn  air 
tir  an  deidh  am  bataichean,  's  na  bha  aca, 
ach  an  t-aodach  anns  an  robh  iad  'n  an 
seasamh,  a  chall,  no  ri  aghaidh  gach  cruadal 
eile  a  tha  coinneachadh  riu,  dh'aontaicheadh 
sibh,  a  dh'aindeoin  's  na  ni  sinn,  nach  paigh 
sinn  a  chaoidh  iad.  Co  aige  tha  fhios  nach 
cuir  cuid  de  na  ministearan  agus  de  na  luchd- 
dreuchd  a  leughas  an  t-iomradh  so  la  air 
leth  air  son  cothrom  a  thoirt  do  coimhthion- 
ailean  tional  a  dheanamh  an  son  an  aobhaic 
so. 

Le  dealbh  nan  giliean  fearail,  fiiighail,  a 
chunnaic  mi  an  Sasunn  'n  am  irmtinn  bu 
mhaith  leam,  air  an  sgath-san,  an  fheum  a 
tha  air  cuideachadh  de'n  t-seorsa  so  a  thoirt 
far  comhair,  an  dochas  gu'n  gluais  e  cridhe  is 
lamh  an  iomadh  aite.  Ma  shaoileas  sibh 
gu'm  bi  am  bonn,  beag  no  mor  e,  na's 
feumaile  le  a  thoirt  seachad  air  son  an 
aobhair  so,  na  tha  e  nis,  cuiribh  e,  ag  innseadh 
gur  h-ann  air  son  na  seirbhisean  Gaidhhg 


AM  MEASGINAN  SEOLADAIREAN— MO  THURUS  DO  PHOLL-IUBH 


anns  na  puirt  Shasunnach  a  tha  e,  an  darna 
cuid  gus  an  t-Urr.  Ruairidh  MacLeoid,  D.D., 
an  oifis  Eaglais  na  h-Alba,  an  Dun-eideann, 
no  gu  Mghr  Domhnall  Mac  Beath  an  oifis 
na  h-Eaglaise  Saoire,  an  Diin-eideann. 

Ach  chan  e  sin  na  h-aon  doighean  anns 
am  faod  neach  an  obair  a  chuideachadh. 
Bithibh  ag  iirnuigh  air  son  beannachd  ©he 
oirre,  oir  ged  a  bhiodli  Pol  a'  suidheachadh, 
agus  Apollos  ag  uisgeachadh,  's  e  Dia  a 
mhain  a  bheir  am  fas.  Bithibh  ag  iirnuigh 
air  son  nam  ministeraan  a  bhios  a  sas  's  an 
obair.  'S  e  ni  cudthromach  a  tha  ann  an 
searmonachadh  an  t-soisgeil  aig  am  sam  bith, 
agus  chan  ann  na's  higha  a  tha  uallach  an 
fhir  a  shearmonaicheas  a  nochd  agus  a 
chluinneas  trie  's  a'  mhaduinn  nach  till  cuid 
d'a  luchd-eisdeachd  gu  seirbhis  tuilleadh. 
Bithibh  ag  urnuigh  air  son  a'  chomuinn  ris 
na  dh'earb  na  h-Eaglaisean  an  obair.  Tha 
uaUach  mor  air  an  guaillean,  ach,  mur  meas 
iad  ro  dhana  e,  bu  mhaith  leam  aon  ni  a. 
thoirt  fan  comhair.  'S  e  sin,  ged  tha  e  ro 
fheumail  gu'm  biodh  cuid  de  na  ministearan 
as  freagarraiche  air  son  na  h-oibreach,  a  tha 
anns  an  da  Eaglais,  a  sas  innte  fad  a'  chogaidh, 
bithidh  e  pailt  cho  feumail  ma  bhitheas  cuid 
de  na  ministearan  as  fearr  a  tha  aca,  anns  na 
puirt  mhora  an  Sasunn  an  la  a  sguireas  an 
cogadh,  agus  air  son  beagan  mhiosan  an 
deidh  sin. 

Bithidh  ceudan  de  Ghaidheil  a'  tilleadh  o 
gach  cearn  de  'n  t-saoghal  aig  an  am  sin, 
agus  's  iomadh  cuideachadh  a  dh'fhaodadh 
ministear  ciiiseach  a  dheanamh  dhoibh  ann 
an  nithean  aimsireil,  ach  gu  sonraichte  's  e 


dleasdanas  nan  Eaglaisean  treorachadh  a 
thoirt  dhoibh  ann  an  nithean  spioradail  re 
na  h-uine  bhios  iad  a'  feitheamh  anns  na 
puirt,  gu  tighinn  dhachaidh.  Bithidh  da 
sheorsa  'n  am  measg  d'am  bu  mhaith  na'm 
biodh  ministear  math  Gaidhhg  comhla  riutha, 
an  fheadhainn  a  bhitheas  na's  deidheile  na 
bha  iad  riamh  air  an  t-soisgeul  a  chluinntinn 
'n  an  cainnt  fein,  agus  an  fheadhainn  a 
bhitheas  an  cunnart  boidean  la  a'  chruaidh- 
chais  a  dhichuimhneachadh. 

'Nuair  a  thig  na  gillean  Gaidhealach  gu 
•tir  aig  crioch  a'  chogaidh  so,  's  a  bhitheas  iad 
a'  feitheamh  ris  na  deiseachan  gorm  a  chur 
dhiubh,  tha  mi  'n  dochas  nach  fag  na  h- 
Eaglaisean  iad  gun  duine  a  bheir  searmon 
Gaidhlig  dhoibh,  mar  a  thachair  aig  crioch 
a'  chogaidh  mu  dheireadh.  'S  e  mo  bheachd- 
sa  gu  h-e  miosan  an  deidh  a'  chogaidh  aon 
de  chothroman  mora  nan  Eaglaisean  air  an 
curam  do  na  Gaidheil  a  thig  gu  tir 
fhoillseaehadh. 

Cha  leig  duine  a  leas  iarraidh  oirbh  a  bhi 
'g  urnuigh  air  son  nan  gillean  fein.  Tha  sibh 
a'  deaimmh  sin.  Bithidh  mise  'n  an  comain 
a  chaoidh  air  son  an  cuideachaidh,  's  an 
cairdeis  's  an  caoimhneis,  gach  la  bha  mi 
'n  am  measg.  'S  e  mo  dhurachd  gu'm 
beannaicheadh  an  Tighearna  iad  uile,  agus 
gu'n  luathaicheadh  e  an  la  anns  an  tig  iad 
gu  tir  gu  seirbhis  anns  an  seinn  iad  : — 

Thug  ihu  air  daoinibh  marcachd  oirnn 
tre  theine  is  uisge  chaidh, 
A  ris  gu  ionad  saoibhir  reidh 
'S  tu  fein  thug  sinn  le  huaidh. 


Mo  thums  do  PhoU-Itibh 

Leis  an    Urramach  Iain  M.  Mac-an-Bothaich,  M.A.,  an   Gill  Mhcirtainn. 


ANNS  na  bhadhnachan  anns  an  robh  mi  'n 
am  cheann-suidhe  air  Comunn  Gaidhealach 
Eaglais  na  h-Alba,  an  Comunn  a  tha  a' 
seaUtuinn  as  deidh  obair  na  h-eaglais  anns  a' 
Ghaidhealtachd  agus  anns  na  h-Eileanan, 
bha  ministearan  oga  aig  an  robh  Gaidhlig 
anabarrach  gann.  Bha  cuid  de  sgtreachdan 
bhadhnachan  guii  mhinistear,  agus  ged  bha 
sinn  daonnan  a'  feuchainn  ri  searmonaiche 
a  chur  do  na  sgireachdan  sin  anns  an 
t-samhradh  bha  iad  seachduinean  anns  a' 
gheamhradh,  agus  air  uairean  miosan,  gun 
seirbhis  idir  anns  an  eaglais  ;  rud  bronach 
gu'm  biodh  dorsan  eaglais  dtiinte  air  la  na 
Sabaid  agus  gu'm  biodh  tigh  an  Tighearna 
gun  aoradh  follaiseach. 

Bha  an  Eaglais  Shaor  Aonaichte  a  cheart 
cho    dona    dheth    ruinn    fhein ;    cha    robh 


ministearan  aice-se  na  bu  mho  ann  am  moran 
aitean  anns  a'  Ghaidhealtachd. 

Am  measg  nan  sgirean  eile  d'an  robh  e 
duilich  ministear  fhaotainn  bha  Poll-Iubh, 
agus  aon  samhradh  chuir  mi  romham,  an 
uair  a  gheibhinn  mios  dhomh  fhein  saor  o'n 
obair  a  bha  agam  an  Eaglais  Chaluim-CUle, 
an  Glaschu,  gu'n  rachainn  do  Pholl-Iubh  a 
thont  seirbhisean  dhaibh  fad  mios. 

Mar  sin  air  a'  cheud  mhips  de  'n  Fhoghar- 
adh  thog  mi  orm  le  mo  mhaileid  agus  mo 
leabhraichean,  agus  nithean  eile  a  bha 
feumail,  agus  dh'fhalbh  mi  gu  Poll-Iubh. 

Bhithinn  a'  leughadh  agus  a'  sgriobhadh 
a  chuid  mhor  de  'n  la,  ach  an  uair  a  bhiodh 
an  t-sid  freagarrach  bhithinn  a'  dol  a  mach 
air  muUach  a'  mhonaidh,  no  ri  taobh  na 
h-aibhne,  no  an  cois  a'  chladaich.    Ach  anns 


MO  THURUS  DO  PHOLL-IUBH 


na  feasgair  theab  na  meanbh-chuileagan 
m'itheadh  ;  bha  iad  a  cheart  cho  laidir  agus 
cho  guineach  ri  meanbh-chuileagan  Dhiura 
no  lonar-Aora. 

Tha  aghaidh  Naduir  ann  am  PoU-Iubh  cho 
boidheach  agus  cho  taitneach  do'n  t-suil  ri 
aite  air  bith  fo'n  ghrein.  Ann  an  duthchanna 
eile  gheibhear  beanntan  a  tha  moran  na's 
airde  na  na  beanntan  a  tha  againn  ann  an 
Albainn  ;  gleanntan  a  tha  na's  fhaide  agus 
na's  farsuinge,  agus  lochan  agus  aibhnichean 
a  tha  na's  leithne  agus  na's  doimhne,  ach  chan 
'eil  maise  an  crochadh  ri  ^irde,  no  leud,  no 
doimhneachd,  no  farsuingeachd.  Chan  e 
meudachd  a  tha  a'  deanamh  duine  no  aite 
boidheach.  Ann  an  suUibh  an  fhior  Ghaidheil 
chan  'eil  beanntan  au*  thalamh  cho  statail  ri 
beanntan  a  dhuthcha  fein ;  chan  'eil  gleanntan 
air  an  t-saoghal  cho  boidheach  ris  na  giinn 
anns  an  do  ghabh  a  shinnsear  comhnuidh  ; 
chan  'eil  lochan  no  aibhnichean  cho  dltith 
d'a  chridhe  ris  na  lochan  agus  na  h-aibhnich- 
ean  a  b'aithne  dha  'n  a  oige. 

Chan  ionghnadh,  ma  ta,  ged  bhiodh  gaol 
aig  muinntir  Pholl-Iubh  air  an  dtithaich 
mhaisich  fhein,  far  a  bheil  beanntan  agus 
gleanntan  boidheach  ;  mointeach  agus  coille, 
uillt  agus  abhainn,  creagan  agus  easan,  agus 
gach  seorsa  seallaidh  a  bheir  aoibhneas  do 
luchd-turuis. 

Do  roghainn  de  sholasan. 

'S  an  earrann  ud  de'n  duthaich  gheibh 
neach  sam  bith  na  h-uile  ni  a  shasaicheas 
gach  iarrtas  laghail.  Ma's  iasgair  thu,  iarr 
cead,  roghnaich  an  tim  gu  curamach,  gabh 
do  shlat  's  na  cuileagan  a  bhios  freagarrach, 
agus  air  amhainn  no  air  loch  cha  bhi  thu 
am  bitheantas  gun  duals  ;  bheir  thu  dhach- 
aidh  leat  bradan  no  brie,  a'  nochdadh  gu 
soilleir  nach  robh  thu  diomhanach,  agus 
nach  robh  na  h-oidhirpean  a  bha  thu  a'  toirt 
gun  soirbheachadh.  Ma's  sealgair  thu,  bheir 
na  monaidhean,  na  reidhleanan,  na  h- 
achaidhean,  agus  na  cladaichean  cothroman 
duit  ann  am  pailteas.  Ma's  coisiche  thu, 
theid  mi'n  urras  gu'm  faigh  thu  na  dh' 
fhoghnas  eadar  Achadh-nan-Sian  agus  Ulla- 
pul.  Ma's  dealbhadair  thu,  chan  'eil  rathad  a 
theid  thu  nach  cuirear  fad  chomhair 
seallaidhean  is  dealbhan  cho  breagh  ri  dealbh 
sam  bith  a  chunnacas  riamh  air  canbhas.  No 
ma's  gairnealar  thu,  iarr  cead  a  ris  agus 
gheibh  thu  sin  gu  toileach,  agus  faodaidh  tu 
dol  a  steach  do'n  gharadh  ro-bhoidheach  sin 
aig  Inbhir-Iiibh  far  am  faic  thu  moran  a 
bheir  taitneas  do'n  t-suil  agus  solas  do'n 
chridhe. 


Agus  ma's  fior  e  gu  bheil  oibre  Dhe  ann 
an  Nadur  ann  an  coimhearsnachd  Pholl-  < 
lubh  boidheach  da-rireadh,  tha  e  a  cheart  ] 
cho  fior  gu  bheil  luchd-aiteachaidh  na 
sgireachd  sin  cho  teo-chridheach,  caoimhneil 
ri.  comunn  sam  bith  an  Albainn.  An  uair  a 
chaidh  mi  ann,  bha  mi  'n  am  choigreach  'n 
am  measg  ;  cha  b'aithne  dhomh  a  h-aon 
diubh,  agus  cha  b'aithne  cUiaibh  mi,  ach 
'nuair  a  thainig  mi  dhachaidh  b'urrainn 
domh  a  radh  gu  firinneach  gu'n  d'fhag  mi 
as  mo  dheidh  cairdean  cho  dileas  's  a 
choinnich  mi  fhathast,  agus  an  caoimhneas 
luor  a  fhuau"  mi  bho  uaislean  is  islean  cha 
dichuimhmich  mi  am  feasd. 

Bard  Thurnaig. 

'S  ann  an  Achadh-mor  a  ghabh  mi 
comhnuidh,  agus  's  ann  an  sm  a  fhuair  mi 
eolas  air  Alasdau-  Camshron,  Bard  Thiirnaig, 
dui,ne  cho  onorach,  treibhdhireach,  tuigseach, 
fialaidh,  's  a  sheas  riamh  air  bait  broige. 
Rugadh  e  ann  an  Inbhir-asdail,  au'  taobh  an 
iar  de  Loch-Itibh,  's  a'  bhliadhna  ochd  ceud 
deug  da  fhichead  's  a  h-ochd,  agus  bha  e 
iomadh  bliadhna  ann  an  seirbhis  an  fhior 
Ghaidheil  sin,  Maighstir  Osgood  MacCoinnich 
nach  maireann  ;  a  h-uile  ni  fo  a  churam  ann 
am  baUe  Thurnaig  m'an  do  sgriobh  e  anns  an 
oran  so  : — 

"  Turnaig  aoibhinn,  Turnaig  aigh  ; 
Turnaig  shaoibhir,  Turnaig  Ian  ; 
Turnaig  bheairteach  's  pailte  barr, 
Tiirnaig  ghnaithseach,  ghranach  throm. 
Tha  gach  tlachd  'u  ad  thaic  air  fas, 
Shabh  is  srath  is  cladach  sail, 
T'uillt  de  neamhnadaibh  Ian, 
Far  an  snamh  an  dobhran  donn. 
Tha  do  chladach  clachach  ard, 
Geodhach,  stacach,  fasgach,  blath, 
'H-uile  sloe  is  lag  is  bagh 
Loma-lan  de  mhaorach  trom. 
Air  gach  dail  tha  mart  le  laogh, 
Anns  gach  glaic  tha  pailteas  naosg  ; 
Air  gach  stacan  coUeach  fraoich, 
Mach  'n  ad  aonach  sgaoth  chearc-donn.  , 
Cuthag  chial-donn  anns  gach  ait, 
A'  seinn  gug-giig  an  dliiths  nam  barr  ; 
Bricem-beithe  's  a'  ghlas-charn, 
Snathadag  is  dreathan  donn." 

Bha  spiorad  na  bardachd  ann  am  bard 
Thiirnaig  gu  dearbh  ann  an  tomhas  mor  : 
bha  suil  agus  cluas  a'  bhaird  aige ;  bha 
inntinn  agus  cridhe  a'  bhaird  aige,  agus, 
coltach  ri  priomh  bhard  na  h-Alba,  bha 
nithean  beaga  an  t-saoghail  so,  na  nithean 
as  cumanta  tha  ann,  a  cheart  cho  airidh  air 
a  chlarsaich  's  a  bha  na  nithean  mora  agus 
cudthromach,  agus  is  togarrach  a  sheinneadh 
e  iad. 

Bu  trie  a  thigeadh  e  a  steach  'g  am 
fhaicinn  's  a'  mhaduinn,  no  's  an  fheasgar, 


6 


MO  THURUS  DO  PHOLL-IUBH 


agus  bu  taitneach  agus  bu  bhuannachdail  a 
'  mheas  mi  gach  mionaid  's  an  robh  conaltradh 
againn  ri  cheile.  Bu  thric  an  uair  a  bha  mi 
leam  fhein  's  an  t-seomar,  agtis  esan  leis 
fhein  's  a'  cheann  eile,  a  chuala  mi  e  a' 
seinn  nan  rann  a  bha  aon  chuid  deanta,  no 
a  bha  e  a'  deanamh  aig  an  am  ;  oir  's  e  sin 
cleachdadh  a  bha  aige,  daonnan  a'  seinn  no  a' 
deanamh  cronain. 

Agus  mhothaich  mi  so,  ni  a  thug  dhomh 
mor-thoil-inntinn,  an  uair  a  bhiodh  obair  an 
la  criochnaichte,  chruinnieheadh  e  muinntir 
an  tighe  an  ceann  a  cheile  ;  thogadh  e  salm  ; 
leughadh  e  caibideU ;  agus  dheanadh  e 
urnuigh  ;  a'  fagail  nan  uile  gu  creidmheach 
fo  chiiram  an  Ti  as  airde,  deadh  chleachdadh 
ar  sinnsir  a  tha  gu  mi-fhortanach  a'  dol  a 
fasan  an  diugh. 

An  Uaimh  mhor. 

Air  la  araidh,  thainig  Cleireach  an  t-Seisein, 
aeach  is  e  fear-curaim  nam  bochd  mar  an 
ceudna,  Maighstir  Uilleam  MacRath,  far  an 
robh  mi,  agus  dh'innis  e  dhomh  gu'ni  biodh 
e  a'  toirt  a  mach  airgiod  nam  bochd  air  an 
la  ud,  agus  gu'n  robh  aite-suidhe  falamh 
lairah  ris  anns  a'  charbad  bheag,  na'm  bithinn 
toileach  a  ghabhail.  Cha  robh  ni  'g  am 
bhacadh,  agus  uime  sin  chaidh  mi  leis.  An 
itair  a  bha  obair  shonruichte  mo  charaid  air 
a  criochnachadh,  agus  an  t-airgiod  an  a 
thoirt  a  mach,  dh'fhalbh  sinn  na  b'fhaide 
air  ar  n-aghaidh  gus  an  do  rainig  sinn  aite 
na  h-uamha.  Cha  robh  an  Cleireach  uile  gu 
leir  cinnteach  c'ait'  an  robh  an  uaimh,  oir 
bha  i  shios  aig  a'  chladach  agus  folaichte 
beagan  ;  ach  air  dha  croitear  fhaotainn  a 
bha  aig  a'  bhuain  ann  an  achadh  dluth  air 
laimh,  bha  sinn  air  ar  treorachadh  gu  direach 
a  dh'ionnsuidh  beul  na  h-uamha. 

Chrom  sinn  ar  cinn,  chaidh  sinn  a  steach, 
agus  air  ball  bha  sinn  'n  ar  tosd  ;  oir  bha 
sinn  ann  an  eaglais  bhig.  Bha  a'  chubaid 
shimplidh  gun  dath  an  sin,  anns  an  do 
sheas  Teachdaire  an  t-Soisgeil  iomadh  bhadh- 
na  agus  anns  an  do  shearmonaich  e  Fii'innean 
na  Slainte  gu  dtirachdach,  agus  bha  cuid  de 
na  suidheachain  air  an  do  shuidh  an  coithional 
gu  h-iriosal  mar  a  thug  iad  aoradh  agus 
moladh  do  Dhia  ann  an  sailm. 

Chan  'eil  f  hios  agam  c'uin  a  thoisich  an  sluagh 
air  aoradh  a  dheanamh  's  an  uaimh,  ach 
sguir  iad  o  chionn  bhliadhnachan  de  sheirbhis 
a  ghleidheadh  innte.  Bu  dhruighteach  da- 
rireadh  an  sealladh.  Mhothuich  mi  gu 
domhain  gu'm  bu  naomh  an  talamh  air  an 


robh  sinn  'n  ar  seasamh,  agus  ann  an  uaigneas 
mo  chridhe  thug  mi  buidheachas  do  'n  Athair 
neamhaidh  air  son  durachd,  eud,  agus 
togarrachd  na  muinntir  bige  sin  a  thog  an 
guthanna  gu  ceolmhor  ann  an  co-sheirm,  's 
a  chrom  an  cinn  gu  soluimte  ann  an  tirnuigh, 
ann  an  uaimh  air  cladach  an  Locha,  do 
bhrigh  nach  robh  eaglais  ann  'n  am  measg, 
no  dliith  air  laimh,  anns  am  bu  chomasach 
doibh  aoradh  follaiseach  a  dheanamh. 

Loch  Ma-ruibhe. 

Air  la  eUe  fhuair  mi  litir  's  a'  mhadumn 
bho  dhuin-uasal  a  bha  aon  uair  'n  a 
bhreitheamh  ann  an  Cuirt  an  t-Seisein  an 
Dtin-eideann,  am  Morair  Mac  Coinnich,  anns 
an  do  dh'innis  e  dhomh  gu'm  biodh  e  a' 
seoladh  air  Loch  Ma-ruibhe  an  deidh  mheadh- 
oin-la,  agus  gu'm  biodh  e  a'  dol  air  tir  air 
EUean  Ma-ruibhe,  agus  ag  radh  gu  caoimhneil 
gu'n  robh  e  toiUchte  cothrom  a  thoirt  dhomh 
dol  ann.  'S  mi  bha  taingeil,  agus  ghabh  mi 
ris  a'  chuireadh  gu  h-aoibhneach ;  oir  bu 
mhiann  leam  an  cothrom  sin  fhaotainn  o'n 
a  chaidh  mi  ann.  Gu  fortanach  bha  a  h-uile 
ni  freagarrach,  fabharach.  Bha  a'  ghrian  a' 
dealrachadh  gu  soilleir ;  bha  a'  ghaoth  a' 
seideadh  gu  citiin.  Dh'fhag  sinn  an  laimhrig 
's  an  amhainn  mu  dha  uair,  agus  ann  am 
beagan  mhionaidean  chaidh  sinn  seachad  air 
a'  chlachrain  air  an  do  choisich  Fionn  fhein, 
ma's  fior  an  sgeul,  agus  bha  sinn  a  mach  air 
an  Loch.  Cha  d'  thubhairt  neach  facal,  agus 
cha  robh  iongantas  ann;  oir  b'e  sin  an 
sealladh  giormhor,  na  beanntan  ag  eirigh  gu 
statail  air  gach  taobh,  is  SUoch  feia  a'  togail 
a  cinn  os  ceann  nan  uile,  mar'  fhreiceadan 
anns  a'  ghearasdan. 

An  sin  mar  an  ceudna  bha  na  coilltean 
duilleagach,  bho'n  Fhridh-Dhorcha  gu  ruig 
Meall  a'  Ghiubhais,  a'  deanamh  nam  beann 
na  's  boidhche  le  'n  eideadh  uaine  ;  an  sin 
bha  na  h-uillt,  mar  ribeanaibh  airgid,  a' 
ruith  a  sios  le  torman  agus  le  iomadh  eas  ; 
agus  an  sin  bha  na  h-eileanan,  'n  an  luighe 
gu  socrach,  siochail  air  uachdar  an  Locha, 
mar  neamhnaidibli  air  fainne.  Chaidh  sinn 
air  tir  air  an  eUein,  eUean  a  tha  liath  le 
eachdraidh  nan  linntean  agus  nan  naomh, 
ach  gu  sonruichte  Maol-Rubha,  ach  chan 
fhaod  mi  aig  an  am  so  toiseachadh  air  an 
eachdraidh  sin  innseadh,  no  eadhon  iomradh 
a  dheanamh  air  na  smuaintean  soluimte  a 
bha  air  an  dusgadh  'n  am  chridhe  leis  na 
leacan  agus  na  croisean  air  an  do  dhearc  mo 
shuilean  air  an  eUean  iomallach  ud. 


AIG  AN  UINNEIG— CUIMHNEACHAN  AIR  DUINE  MAITH 


Aig  an  Uinneig 


"  Cnoc  an  Fhradhairc  " 

THA  e  duilich  dhomh  uair  air  bith  leigeil 
orm  gur  toigh  leani  rud  nach  toigh  learn, 
agus  mar  sin  chan  abair  mi  dad  mii'n 
cheud  earrann  de'n  leabhar  so,  o'n  toiseath 
gu  taobh-duilleig  47,  oir  bha  an  leabhar  air 
a  sgriobhadh  le  caraid  ris  a  bheil  baigh 
agam  mar  fhear-dtithcha  maith  agus  mar 
dhnine  coibhneil,  Aonghas  MacDhomiach- 
aidh,  a  bha  'n  a  Cheann  air  a'  Chomunn 
Ghaidhealach  fad  bhliadhnachan. 

Ach  thug  an  dara  earrann  de'n  leabhar,  o 
thaobh  duilleig  48  gu  deireadh  an  leabhair, 
uiread  toileachaidh  do  m'  chluais  agus  do 
m'  chridhe  's  gu'm  bu.  mhaith  learn  a  mholadh 
do  dhaoine  eile.  Tha  drain  agus  duanagan 
anns  an  leabhar  so  anns  a  bheil  ceol  agus 
grinneas  cainnte  a  choisneas  ainm  baird  do 
Mhgr  MacDhonnachaidh  na's  cinntiche  na 
bha  an  t-ainm  sin  aige  cheana,  gu  sonraichte 
}ia  h-6rain  agus  na  duanagan  amis  a  bheil 
a'  Cheolraidh  'g  a  shaoradh  o  bhriathrachas 
allamhara  agus  doilleir  nach  'eil  a'  freagairt 
air  gne  no  air  cumadh  na  Gaidhlig.  Cha 
choire  e  air  bardachd  i  bhi  fiirasd  a  leughadh 
agus  a  tuigsinn  ;  cluinnear  seirm  a  sgiathan 
anns  a'  ghuth  chaol  chiuin  an  uair  nach 
cluinnear  e  ann  am  fuaim  na  terainn. 

Na'm  feumainn  mo  roghainn  de  na 
duanagan  ceolmhor  agus  cumadail  so  a 
thaghadh  bhiodh  e  duilich  a  radh  c6  an 
fheadhainn  a  chuirinn  anns  an  t-sreath- 
thoisich,  oir  tha  bias  agus  snas  orra  uile, 
ach  air  ghaol  soUlearachd  ardachadh  os 
cionn  doiUearachd,  chuirinn  air  thoiseach 
an  fheadhainn  anns  an  lugha  a  bheU  de 
fhacail  nach  tuig  mi  air'  a'  cheud  shealladh, 
agus  de  smuaintean  nach  'eil  soilleir  air 
a'    cheud    leughadh.      Ma    dh'fheumas    tu 


stad  a  dh'fheoraich  dhiot  fhein  "  ciod  a 
tha  so  a'  ciaUachadh  ?  "  tha  do  chluas  a' 
call  ceol  nan  rann,  agus  mur  bheil  am  facal 
agus  an  ceol  a'  gluasad  cas  ri  cois  anns  an 
leughadh,  tha  cxiid  de  ghrinneas  na  rann- 
tachd  air  a  chall.  Tha  grinneas  agus  ceol 
ami  an  ranntachd  an  leabhair  so,  oir  tha 
cluas  mhaith  'aig  Mghr  MacDonnachaidh, 
agus  tha  de  loinn  air  na  h-6rain  so  's  nach 
urrainn  dhuit  an  leughadh  gun  toiseachadh 
air  an  seinn.    Is  mor  am  moladh  sin. 

Tha  mi  cinnteach  nach  'eil  moran  dhaoine 
oga  anns  a'  Ghaidhealtachd  do  nach  aithne 
"  Tha'n  Samhradh  air  tighinn,"  ach  an 
earalas  gu  bheil  cuid  de  sheann  daoine  a 
bhios  a'  leughadh  nan  '  duUleagan  so  do 
nach  aithne  e,  a  chionn  nach  bi  iad  a'  dol 
gu  Moid  no  tighean-ciuil,  bu  mhaith  leam 
grinneas  agus  binneas  a'  bhaird  so  a  leigeil 
fhaicinn  dhaibh.  ' 

Tha'n  samhradh  air  tighinn,  tha  chuthag  air  tilleadh  ; 
Tha  iarmad  an  fhirich  cur  hiinneag  an  gleus, 
Thriall  samhchair  a'  ghlinne  mar  sgailean  an  t-silidli, 
'S  tha'n  duilleag  air  mhire  le  siudan  nan  geug. 

Tha'n  samhradh  air  tighimi,  cha  bhi  mi  leam  fhein  ; 

Tha'n  samhradh  air  tighinn,  cha  bhi  mi  leam  fhein  ; 

Tha'n    samhradh    air    tighimi,    theid    mise    gu'm 

nighinn ; 

Tha'n  samhradh  air  tighinn,   cha   blii   mi   leam 

fhein. 

Nach    caomh   leat    an   t-s6bhrag   mu   aodami   nan 

oban  ; 
Nach    caomh    leat    a'    neoinean    a'    c6mhdach    an 

t-sleibh  ; 
An  druid  air  an  ogan,  an  driuchd  air  na  rosan. 
Is  ceileireadh  solais  tigh'nn  be6  anns  a'  speur. 

Bidh  sumainnean  geala,  mar  chulaidh  na  mara, 
'G  an  iomairt  gu  cala  le'n  aignidhean  reidh ; 
Thoir  an  t-eidheann  bho'n  chuilionn,  's  an  leomhami 
bho  cuilein, 
Ach  fag  mi  air  m'uilinn  air  muUach  Ddn-Sgeith. 


Cuimhneachan  air  duine  maith 

Leis  an  Urramach  Ddmhnull  MacLeoid,  anns  a'  Chomraich. 


THA  mi  a'  sgriobhadh  an  so  sreath  no  dha 
an  cuimhneachan  air  Maighstir  Iain  Grannd 
a  bha  'n  a  mhaighstir-sgoile  ann  am  Baile- 
chaolais,  a  bha  air  a  ghairm  gu  dhachaidh 
bhuan  air  an  naodhamh  la  de  mhios 
lanuaraidh,  aig  aois  da  fhichead  bliadhna  's 
a  coig. 

Tha  iad  lionmhor  eadar  Baile-chaolais, 
Tiriodh,  agus  an  t-Eilean  Sgitheanach,  a  bhios 
ae;  ionndrainn  Mhaishstir  Gramid.  's  aig  am 


bi  a  bhean  's  a  chlann  gle  dhliith  air  an 
cridheachan  an  uair  na  h-tirnuigh. 

Bha  meas  mor  air  Maighstir  Grannd  am 
Baile-chaolais,  agus  gu  cinnteach  b'airidh  e 
air.  'S  e  smior  an  fhir-theagaisg  a  bha  ann, 
agus  fior  sgoilear  coguiseach,  agus  dileas  'n 
a  dhreuchd,  a'  co-cheangal  caoimhneis  agus 
seasmhachd  'n  a  dheiligeadh  ris  a'  chloinn 
agus  ri  luchd-cuideaohaidh. 


AIG  AN  UINNEIG— LAOIDH 


Bha  e  'n  a  eildear  agus  'n  a  chleireach  aig 
an  t-Seisein  ann  an  Eaglais  na  h-Alba  'nuair 
a  bha  mise  's  an  Eaglais  Shaor  Aonaichte. 
Bha  e  cho  cairdeil  agus  cho  blath-chridheach 
riumsa  's  a  bha  aon  de  na  h-eildeirean  agam 
fhein.  'S  e  bha  ann  duine  aig  an  robh 
inntinn  fharsuinn,  a  bha  air  a  soillseachadh 
le  gras ;  dh'aithnicheadh  tu  sin  air  a 
chomhradh. 

Cha  robh'fuath  no  fuachd  air  airinn.  Bha 
e  tlachdmhor  a  bhi  'n  a  chuideachd  agus 
oideachail  a  bhi  'n  a  chomluadair. 


Chaidh  a  ghairm  gu  seirbhis  a  b'airde,  ann 
an  teis-meadhoin  a  bheatha  agus  fheumalachd 
an  so.  Ach  de  dha  sin!  Bha  feum  aig  a 
Mhaighstir  air. 

Thainig  an  uair  's  tha  mise  triall ; 

Chuala  mi  guth  'g  am  ghairm  gu  Dia. 
Sguiridh  m'uil'  amhghar  nis,  a  Righ, 

'S  ceadaich  do  t'oglach  triall  an  sith. 

Tha  ar  co-fhaireachadli  ri  mhnaoi  's  ri 
thriiiir  mhac,  agus  ri  athair  's  ri  chairdean  's 
an  Eilean  Sgitheanach,  's  tha  sinn  a'  guidhe 
gu'm  bi  Dia  dhaibh  'n  a  chul-taic  'n  an 
amhghar  ghoirt. 


Laoidh 


Le  Alasdair  Mac  Shithiche,  nach  maireann,  Gracaig,  an  Dikra 


Gloir  do  losa,  fhuair  mi  bhuaidh, 
Cliuir  an  t-Uan  mi  nis  ma  sgaoil 

Bho  na  cuibhrich  a  bha  cruaidb 

Is  nach  fuasgladh  cloinn  nan  daoin'. 

Bha  mo  choguis  rium  ag  radh 
Gu'm  bu  namhaid  mi  do  Dhia, 

Gu'n  do  chuir  mi  cul  ri  gras 

Bho  'n  bha  traillealachd  am  mhianil. 

Aig  an  lagh  bha  mi  an  sas, 

Binn  a'  bhais  bha  ormsa  sgriobht'  ; 
Ach  fhuair  mi  fuasgladh  bho  gach  cas  : 

Air  mo  shonsa  bhasaich  Criosd. 

Air  mo  shonsa  chuir  e  'm  blar 
Anns  a'  gharadh  's  e  fo  bhron — 

Cupan  feirg'  an  Athar  Ian 
Bh'  aig  ar  Slanuighear  ri  61. 


Na'm  faiceadh  tu  Righ  na  Gloir, 
Fhuil  'g  a  doirteadh  air  a'  Chrann, 

Na  ta  mean  guineach  'n  sas  'na  fheoil, 
'S  e  le  dhoruinn  a'  fas  fann, 

Ged  a  chuir  iad  e  's  an  uaigh 
Thug  e  buaidh  oirre  bha  mor  ; 

Dh'eirich  e  le  caithreim  buaidh, 

'S  chaidh  e  suas  a  dh'ionnsaigh  Gloir. 

Ach  ma  thig  thu  fhein  gu  los' 

Gheibh  thu  'n  iocshlaint  thug  e  dhomhs' 
Bidh  an  sin  a'  ruith  ad  chridh 

Amhainn  mhin  de  'n  uisge  bheo. 

Is  ma  leanas  tu  'na  dheidh 

Le  d'  chrann-ceusaidh  air  a  sgath 

Ni  fuil  na  h-iobairt  thu  reidh 

Ri  Mac  Dhe  a  bheir  dhuit  slaint ; 


Bidh  tu  dealraeh  mar  a'  ghrian, 
Bidh  tu  triaU  's  an  uile  ghloir, 

Ni  e  cosmhail  thu  ris  fein 

'N  uaLr  a  dh'eireas  tu  bho  'n  fhod. 


Luireach  Phadraig 


1.  Eiream  an  diugh 

an  neart  dian-athchuinge  na  Trianaid, 
an  neart  nan  tri  pearsa  air  neamh 
an  aidmheil  peacaidh  do'n  aon  Diadhachd, 
an  Dia  a  rinn  gach  ni  fo'n  ghrein. 

2.  Eiream  an  diugh 

an  neart  breithe  Chriosd  's  a  bhaisteadh  f  6s, 
an  neart  a'  Chroinn  's  a  chur  'san  uaigh, 
an  neart  aiseirigh  's  neart  a  dhol  suas, 
an  neart  a  theachd  gu  breith  bith-bhuan. 

3.  Eiream  an  diugh 

an  neart  feachd  nan  Ceruban  oirdhearc, 
an  neart  umhlachd  nan  aingeal  shuas, 
am  freasdal  nan  ard-aingeal  ghlormhor, 
an  d6chas  aiseirigh  nam  buadh. 


4.  Eiream  an  diugh 

an  neart  tirnuigh  nam  priomh-athraichean, 
an  neart  faidhdeireachd  nam  faidhean  naomh, 
an  neart  teagasg  glan  nan  Abstol  threun 
rinn  sgeul  's  gach  ait  air  losa  caomh. 

5.  Eiream  an  diugh 

an  neart  creidimh  mharturach  nam  buadh, 

am  beusan  glan  nan  oighean  aigh, 

an  gniomharra  nam  f  irean  uasal, 

an  euohdaibh  buadhmhor  sluagh  nan  gras. 

G.  Eiream  an  diugh 

an  neart  nan  speur  is  soills'  na  greine, 
dealradh  gealaioh,  dearrsadh  teine, 
deinead  lasrach  is  luathas  gaoithe, 
doimhneachd  mara,  cruadhas  oreige. 


Aireamh  4 


1941 


Saoibhreas  Chriosd 

Leis  an  Urramach  Buairidh  Moireasdan,  Lit. A.,  an  Steornabhagh. 
"  Saoibhreas  Chriosd,   nach  feudar  a  rannsachadh.'] — Ephesianach  iii.,  8. 


CHA  robh  Pol  comasach  cainnt  laidir  gu 
leor  fhaotainn  leis  an  cuireadh  e  an  ceill  gu 
riarachail  dha  fhein  lanachd  an  t-saoibhreis 
a  fhuair  e  ann  an  Criosd.  Tlia  e  a'  faicinn 
ann  an  Criosd  saoibhreas  nach  gabh  gu  brath 
a  bhi  air  a  rannsachadh  gu  chul.  Agus  ged 
tha  fios  aige  gu  bheil  sin  mar  sin,  gu'm  bidh 
saoibhreas  Chriosd  gu  brath  os  cionn  a 
thomhais  's  a  chomais,  's  e  aoibhneas  a 
bheatha  a  bhi  a'  beachdachadh  air,  a  bhi 
labhairt  uime,  a  bhi  a'  cur  an  ceill  a  ghloir, 
air  dha  fios  a  bhi  aige  gur  h-e  meud  an  t- 
saoibhreis  sin  tha  toirt  barrantas  do  na 
h-uile  aig  am  bheil  coir  tre  chreideamh  ann 
a  bhi  ag  altrum  an  dochais  nach  tig  crioch  gu 
brath  air  na  beannachdan  a  bhios  aca  fhein 
'na  lorg. 

Gradh  Chriosd. 

Leagaidh  sinn  ar  suil  an  drasd  air  a  dha 
no  tri  sheallaidhean  air  an  t-saoibhreas  so  a 
bu  choir  a  bhi  'nan  aoibhneas  do  neach  sam 
bith  a  bhi  a'  beachdachadh  orra.  Seall,  an 
toiseach,  air  cho  do-rannsachaidh  's  a  tha 
gradh  Chriosd.  Chan  'eil  crioch  idir  ri  chur 
ri  gradh  Chriosd.  'S  e  fior  ghne  Chriosd  a 
bhi  ri  gradhachadh.  Tha  an  Sgriobtur  ag 
innseadh  dhuinn  gur  gradh  Dia.  A  nis,  co 
tha  agad  ann  an  Criosd  ?  Nach  e  direach 
gradh  Dhe  air  a  dheanamh  faicsinneach  dhuit 
ann  an  nadur  na  daonnachd.  Tha  doimhne 
do-rannsachail  Dhe  ann  an  Criosd.  Chan 
urrainn  dhuit  gradh  Dhe  a  ruith  a  mach. 
'S  iomadh  coire  a  bha  ann  an  deisciobluibh 
Chriosd  leis  an  robh  iad  gu  trie  a'  brosnachadh 
spiorad  am  Maighstir.  Ciod  eile  ach  foigh- 
idinn  Chriosd  agus  a  ghradh  do-rannsachaidh 
a  b'  aobhar  nach  do  chrath  e  dheth  gu 
buileach  iad,  agus  gun  an  corr  a  ghnothuch  a 
bhi  aige  riutha  ?  Agus  is  cinnteach  gur  h-e 
ionghnadh  a'  ghraidh  iongantaich  so  a  bha 
ann  an  inntinn  Eoin  'nuair  a  sgriobh  e  na 
briathran  so :  "  Air  dha  a  mhuinntir  fein  a 
bha  anns  an  t-saoghal  a  ghradhachadh, 
ghradhaich  e  gus  a'  chrich  iad."  Bha 
amaideas  gu  leor  anns  na  deisciobluibh ;  bha 
fein-iarraidh  annta,  agus  paiiteas  eud  pheac- 
ach,  agus  chan  'eil  teagamh  iomadh  olc  eile 
bha  soilleir  do  shuil  am  Maighstir ;  gidheadh, 
cha  tug  sin  caitheamh-as  air  gradh  Chriosd 


dhaibh,  no  air  an  fhoighidinn  leis  na 
shaothraich  esan  a  chum  an  truailleachd  a 
ghlanadh  asda,  oir  's  e  grMh  agus  foighidinn 
do-rannsachail  Dhe  a  bha  ann. 

Agus  'g  ar  taobh  fhein  ma  tha  sinn  'n  ar 
creidmhich,  'nuair  a  bheachdaicheas  sinn  air . 
na  tha  de  chronan  agus  de  pheacaidhean 
annainn  nach  urrainn  ach  a  bhi  'n  an  cradh 
do  spiorad  ghrasmhor  ar  Slanuigheir,  nach 
'eil  a  cheart  urad  a  dh'  aobhar  againn-ne, 
's  a  bha  aig  na  deiscioblaibh,  mur  'eil  moran 
a  bharrachd,  a  bhi  taingeal  air  son  cho 
do-rannsachaidh  's  a  tha  gradh  Chriosd  ? 
Mur  b'e  cho  do-rannsachaidh  's  a  tha  e  's 
fhada  o  bha  ar  peacaidhean  air  dochas 
tearnaidh  fhuadach  as  ar  cridheachan.  Ach 
beannaichte  gu  robh  ainm-san,  buanaichidh 
sinn  a'  creidsinn  ann  an  doimhne  neo- 
chriochnach  graidh  Chriosd,  agus  seallaidh 
sinn  air  son  mathanas  'n  ar  peacaidhean  agus 
tearnadh  iomlan. 

C'aite  robh  dochas  idir  a  thaobh  an 
aireamh  mhor  sin  a  tha  caitheamh  am  beatha 
anns  a'  pheacadh,  no  a  thaobh  na  muinntir 
aig  nach  'eil  rum  'n  an  cridhe  no  'n  an 
dachaidh  do  Chriosd,  mur  b'e  an  fhoighidinn 
agus  an  gradh  do-rannsachaidh  sin  a  tha 
ri  feitheamh  air  an  aithreachas  agus  air  am 
pilltinn  ri  Dia  ?  'Nuair  a  smaoinicheas  tu 
air  doimhne  na  h-aingidheachd  anns  am 
bheil  cuid  de  dhaoine  a'  caitheamh  am 
beatha,  gun  suim  aca  do  Dhia  no  d'a  aobhar ; 
'nuair  a  smaoinicheas  tu  air  na  tha  de 
mhi-chtiram  a  thaobh  Chriosd  air  a  nochdadh 
le  moran  aig  an  robh  an  soisgeul  'n  an  cluasan 
o'n  oige,  agus  gidheadh  gu'm  bheil  mathanas 
Ian  agus  saor  a  feitheamh  air  gach  peacach 
a  ghlaodhas  ri  Dia  air  son  trocair,  ciod  eile 
ach  saoibhreas  do-rannsachaidh  graidh 
Chriosd  anns  am  bheil  mineachadh  air  an 
ionghnadh  so  ? 

Cumhachd  Chriosd. 

Ann  an  Criosd  gheibh  sinn  chan  e  a  mhain 
saoibhreas  do-rannsachaidh  graidh  ach  mar 
an  ceudna  saoibhreas  do-rannsachaidh  cumh- 
achd. Agus  nach  maiseach  a  charaid  iad, 
gradh  agus  cumhachd !  An  cuideachd  a 
cheile  tha  iad   'n  am  bunait   oirdhearc   do 


SAOIBHREAS    CHRIOSD 


gach  anam  a  theicheas  gu  Criosd  air  son 
tearnaidh.  Gradh  neo-chriochnach  agus 
comhachd  neo-chriochnach:  gradh  a  bheir 
mathanas  gu  pailt,  cumhachd  a  ghleidheas  o 
gach  namhaid  agus  olc ;  ciod  na's  fhearr  a 
dh'iarradh  duine  ?  Nach  e  so  a  bha  ann  an 
inntinn  Phoil  'nuair  a  thuirt  e  ris  na  Roman- 
aich,  "  Cha  nar  leam-sa  soisgeul  Chriosd,  oir 
is  e  curnhachd  Dhe  e  chum  slainte  do  gach 
neach  a  chreideas."  Agus  losa  fhein,  an 
deidh  aiseirigh,  air  dha  a  ghradh  do-rannsach- 
aidh  a  dhearbhadh  le  fhein- iobradh  air 
Calbhari,  nach  d'thubhairt  e  ri  dheisciobhiibh 
gu  robh  a  chumhachd  co-ionnan  do-rannsach- 
aidh  ri  ghradh  ?  "  Thugadh  dhomh-sa,"  ars 
esan,  "  gach  cumhachd  air  neamh  agus  air 
thalamh." 

A  nis,  's  e  so  an  cumhachd  a  tha  air  cul 
a'  Chriosduidh,  air  am  faod  e  a  thaic  a 
leigeil  'nuair  a  tha  e  a'  cur  aghaidh  air  obair 
a  bheatha, 'nuair  a  tha  e  a'  fiachainnri  bheatha 
gu  h-iomlan  a  thoirt  fo  cheannsal  do  Chriosd. 
Chan  e  obair  fhurasd  a  tha  ann  do  dhuine 
sam  bith  anam  fhein  a  thoirt  gu  bhi  umhail 
do  Chriosd.  Tha  naimhdean  aige  air 
taobh  a  stigh  a  chuid  gheatachan:  ardan, 
fein-thoil,  sannt  is  ana-miannan  eile  de 
iomadh  seorsa,  nach  urrainn  duine  sam  bith 
le  neart  fhein  a  cheannsachadh.  Feumaidh 
e  grMh  Chriosd  agus  cumhachd  Chriosd, 
gradh  gun  chrich  agus  cumhachd  gun  chrich 
a  chum  aingidheachd  dhomhain  agus  chumh- 
achdach  a  chridhe  a  thoirt  fo  chis  do  Chriosd. 
Ach  cha  leig  Criosduidh  sam  bith  a  leas 
tuiteam  ann  an  eu-dochas,  a  dh'  aindeoin  a 
mhothachadh  air  truailleachd  a  chridhe. 
Cumadh  esan  a  shtiil  air  Criosd,  agus  bithidh 
e  comasach  la-eigin  briathran  an  abstoil  a 
ghabhail  mar  a  bhriathran  fhein,  "  Ni 
h-eadh,  ach  arms  na  nithean  sin  uile  tha  sin 
a'  toirt  tuilleadh  agus  buaidh,  trid-san  a 
ghradhaich  sinn." 

Ciod  eile  ach  gradh  agus  cumhachd  neo- 
chriochnach  Chriosd  a  chumadh  a  cridhe  ris 
an  eaglais  anns  an  dleasdanas  chudthromach 
a  tha  air  a  leagail  oirre,  an  saoghal  a  chosnadh 
air  son  Chriosd  ?  Tha  Satan  cho  cumhachd- 
ach,  chan  ann  a  mhain  am  measg  nam 
fineachan,  ach  'n  am  measg-san  a  tha  ag 
aideachadh  a  bhi  criosdail,  gu'm  faodadh  an 
eaglais  a  dochas  a  thilgeil  uaipe  mur  b'e  an 
cumhachd  a  tha  air  a  cul.  Ach  tha  storas 
graidh  agus  cumhachd  ann  an  saoibhreas 
do-rannsachaidh  Chriosd  a  tha  lan-chomasach 
obair  iongantach  a  dheanamh  air  an  talamh. 
Cha  b'  ann  an  diomhain  a  thuirt  an  t- At  hair 
ris  a  Mhac,  "  larr  orm,  agus  bheir  mi  dhuit 
na  cinnich  mar  oighreachd,  agus  criochan  na 
talmhaimi  mar  sheilbh." 


Gloir  Chriosd. 

Ach  tha  ann  an  saoibhreas  do-rannsachaidh 
Chriosd  chan  e  a  mhain  saoibhreas  graidh 
agus  saoibhreas  cumhachd,  ach  mar  an 
ceudna  saoibhreas  gloir e.  Beachdaich  air 
gloir  pearsa  Chriosd.  Nach  b'e  an  t- 
ionghnadh  e  !  Chan  e  eisiomplair  cumanta 
de  shliochd  an  duine  tha  so  idir.  Bha  agus 
tha  Criosd  gun  samhail  dha  am  measg  chloinn 
nan  daoine  air  fad.  Chan  'eil  a  leithid  eile 
ann  an  uile  chruitheachd  Dhe.  Tha  gloir  an 
Dia  neo-chruthaichte  a'  dealradh  an  gnuis 
an  duine  so.  Bhuineadh  dha-san  agus  dha- 
san  a  mhain  oirdhearcas  na  naomhachd  gun 
smal.  Tha  ainglean  na  gloire  a'  comhdach 
an  aghaidhean  na  lathair,  agus  a'  glaodhach, 
"  Is  naomh,  naomh,  naomh,  Tighearna  nan 
sluagh;  tha  an  talamh  uile  Ian  d'a  ghloir." 
Agus  anns  an  t-solus  naomh  so  tha  dealradh 
o  ghloir  a  phearsa,  faic  mar  a  tha  a  ghradh 
agus  a  chumhachd  a'  dealradh  le  maise  agus 
morachd.  'S  e  sealladh  maiseach  a  tha 
ann,  gradh  agus  cumhachd  fhaicinn  aonaichte 
ri  cheile,  ach  ann  an  solus  gloin  an  Neach  so 
anns  am  bheil  iad  aonaichte  tha  iad  a' 
dealrachadh  le  oirdhearcas  a  tha  toirt  a 
dhubhlan  eadhon  do'n  chreideamh  fhein. 
An  gabh  e  bhith  gu'n  chrom  an  gradh  so, 
an  cumhachd  so,  a'  ghloir  so,  'gam  ionnsuidh- 
sa  ?  An  gabh  e  bhith  gu'n  leag  Righ  na 
Gloire,  an  Slanuighear  uile-chumhachdach, 
a  lamh  ann  an  trocair  air  m'anam  peacach- 
sal 

Obair  Chriosd. 

Seall,  a  rithist,  air  gloir  'oibre.  Ghabh  e 
OS  laimh  obair  a'  pheacaidh  a  chur  as,  agus, 
mar  an  ceudna,  cothrom  a  ghabhail  air 
lathaireachd  agus  air  cumhachd  a'  pheacaidh 
chum  foillseachadh  a  thoirt  do  'n  t-saoghal 
air  Dia,  a  tha  a'  cur  iongnadh  air  ainglean  's 
a'  lionadh  an  t-saoghail  le  gloir.  Tha  fein- 
iobradh  Chriosd  air  Calbhari  a'  lionadh  an 
t-saoghail  le  solus  gloir  Dhe.  Tha  agad  an 
so  taisbeanadh  air  gradh,  air  cumhachd,  agus 
air  gloir,  ag  oibreachadh  am  measg  dhaoine 
e  chum  naomhachd  iomlan,  leis  am  bheil 
coron  maise  gun  choimeas  ag  cuairteachadh 
uile  chliuthean  Dhe.  Tha  rtm  air  Dia  am 
peacadh  a  chur  as,  agus  a  chionn  's  nach  'eil 
rian  eile  air  sin  a  dheanamh,  chrom  e  chum 
na  h-oibreach  e  fein.  Agus  mar  sin,  'nuair 
a  bhios  do  chridhe-sa  glan  o  pheacadh,  agus 
masladh  do  shuidheachaidh  air  a  sguabadh 
bhuait  gu  siorruidh,  's  e  a'  chainnt  a  dh' 
eireas  gu  taingeil  o  do  chridhe,  "  Tabhair 
gloir,  a  Thighearna,  chan  ann  dhuinne, 
chan  ann  dhuinne,  ach  do  d'ainm  fein,  air 
son  do  throcair  agus  air  son  d'fhirinn." 
"  Dha-san   a   ghradhaich   sinn   agus    a    dh, 


SAOIBHREAS  CHRIOSD— AOT^S  A'  CHOILLE  BHEITHE 


ionnlaid  sinn  o  ar  peacaidhean  'na  f hull  fein, 
agus  a  rinn  righrean  dhinn,  agus  sagartan 
do  Dhia  agus  d'a  Athair-san;  dha-san  gu 
robh  gloir  agus  cumhachd  gu  saoghal  nan 
saoghal.     Amen." 

Ach  a  rithist,  beachdaich  air  saoibhreas 
do-rannsachaidh  Chriosd,  saoibhreas  a 
ghraidh,  a  chumhaphd,  a  ghloir,  a  bhios  'n 
a  sholas  do  na  naoimh  a  bhi  a'  rannsachadh 
am  mach  tre  linntean  na  siorruidheachd. 
Air  an  cruinneachadh  ann  an  tigh  an  Athar, 
o  gach.  tir  agus  linn,  dheth  gach  seorsa  agus 
suidheachadh,  iad  uile  air  an  glanadh  anns 
an  aon  fhuil  luachmhor,  iad  uile  air  am 
beothachadh  leis  an  aon  Spiorad  blieannaiclite, 
iad  uile  comhdaichte  anns  an  aon  trusgan 
gheal,  fireantachd  Immanuel,  theid  iad  air 
an  aghaidh  a'  rannsachadh,  agus  a'  rannsach- 
adh, agus  gu  brath  a'  rannsachadh,  agus 
bithidh  e  'na  neamh  dhaibh  a  bhi  a'  rannsach- 
adh gu  siorruidh  doimhneachdean  saoibhreas 
do-rannsachaidh  Cliriosd. 


Ceisd  phearsonta. 

Nach  bu  choir  dha  bhi  'n  a  cheisd  air  gach 
anam  nach  d'fhuair  riamh  fhathast  eolas 
air  saoibhreas  Chriosd,  ciod  a  tha  'n  a 
bheatha-san  a  tha  cumail  an  eolais  sin 
uaith  ?  Nach  biodh  e  glic  do  gach  neach  a' 
cheisd  a  chur  ris  fhein:  Am  bheil  seilbh 
phearsanta  agam-sa  aims  an  t-saoibhreas  so  ? 
Na  bhris  sealladh  air  gradh  Chriosd  riamh  a 
steach  air  dorchadas  mo  chridhe-sa,  a  sgapadh 
as-creideamh  agus  a'  dusgadh  graidh  annam- 
sa  dha-san  a  ghr^haich  mise  an  toiseach  ? 
Na  shaor  ionghnadh  graidh  Chriosd  m'anam 
o  eagal  agus  mo  bheatha  o  pheacadh  ?  Na 
lion  saoibhreas  do-rannsachaidh  gloir  Chriosd 
m'  anam  le  ionghnadh  agus  le  dochas 
aoibhneach  gu'm  bi  comh-pairt  agam  ann 
la-eigin  ann  an  tigh  an  ,  Athar  ?  Is  sona 
dhuit,  anam,  ma's  urrainn  dhuit  aideachadh 
gu'n  d'  fhuair  thu  sealladh  creidimh  air  an 
Righ  'n  a  mhaise  agus  air  an  tir  tha  cian 
fad  as. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


ANN  am  fear  d'a  leabhraichean-sgriobhaidh 
rinn  Uilleam  Leishman  iomradh  air  an  la 
mhor  a  bha  aig  muinntir  Chille-sgumain  an 
uair  a  thainig  maithean  an  Fhoghluim  a 
dh'fhosgladh  sgoil  iir  a  thogadh  ann.  Is  ann 
air  Uilleam  Leishman  a  thainig  an  dinnear  a 
thoirt  do  na  maithean,  ach  sgriobh  e  'n  a 
leabhar-la  gu  robh  e  fortanach  faotainn  as 
le'n  dinnear  a  thoirt  dhaibh,  seach  na'n  robh 
aige  ri  oraid  a  liubhairt.  B'e  an  t-aobhar  gu'n 
robh  e  aig  fosgladh  na  sgoile  gu'n  robh  e  air 
Bord  nan  Sgoilean. 

"  Ged  nach  robh  mi  air  son  dol  ann, 
chuir  iad  air  Bord  nan  Sgoilean  mi,  a 
■  chionn  nach  robh  duine  eile  ann  an  Cille- 
sgumain  air  son  dol  ann  no's  mo,  ach  air 
son  na  rinn  mi  de  fheum  ann  bha  cho 
maith  dhomh  fantuinn  aig  an  tigh,  oir 
chan  'eil  ann  am  Biiird  nan  Sgoilean  an 
diugh  ach  inneal-bruidhne  leis  a  bheil  sinn 
a'  cur  mar  fhiachaibh  oirnn  fhein  gu  bheil 
ughdarras  agus  riaghladh  ann  an  lamhan 
an  t-sluaigh.  ged  nach  'eil  e  'n  an  lamhan 
idir.  Tha  e  ann  an  lamhan  as  fhearr, 
lamhan  nan  Urracha  Mora,  a  bhios  a' 
cluicheachd  leinne  mar  gu'm  bitheadh  tu 
a'  cluich  le  gillean-dambroid.  agus  a'  toirt 
oirnn  a  chreidsinn  gu  bheil  lamh  againn 
ann  an  riaghladh,  ged  ndch  'eil  sinn  fad 
na  h-uine  ach  ag  radh  Amen  ris  na  nithean 
a  shocruich  iad  fhein  cheana.  A  thaobh 
's  gur  e  seann  Tory  a  tha  annam-sa  co 
dhiu,  chan   'eil  mi   'g  a  mheas  mar  chall 


gu'm  biodh  iighdarras  agus  riaghladh  ann 
an  lamhan  dhaoine  d'an  aithne  an  gnothuch, 
agus  a  tha  air  an  deagh  phaigheadh  air  a 
shon,  seach  ann  an  lamhan  dhaoine  coltach 
rium  fhein,  a  bhios  air  an  cur  air  Biiird 
agus  Comhairlean  anns  an  t-Siorramachd 
air  son  fichead  sedrsa  aobhair  ;  air  uairean 
a  chionn  nach  gabh  duine  eile  faotainn  ; 
air  uairean  a  chionn  gu  bheil  grunnan 
dhaoine  ann  an  sgir  air  son  cuid-eigin 
eile  a  chumail  a  mach,  agus  air  uairean 
eile  a  chionn  gur  toigh  le  duine  a  bhi  mdr 
agus  a  chorrag  a  bhi  anns  gach  ciiis  as 
urrainn  dha.  Chan  'eil  dad  agam  an 
aghaidh  an  doigh-riaghlaidh  so  ach  a 
mhain  gu  bheil  e  cosdail  do'n  diithaich, 
oir  is  ann  air  cosdus  na  duthcha  a  tha  gach 
Bord  agus  Comhairle  cruinn,  agus  b'abhaist 
do'n  duine  ghlic  agus  chiiiin,  Cleireach 
Ruadh  na  Dunara,  a  bhi  ag  radh,  gur  e 
na  faraidhean  a  bha  an  ditthaich  a'  paigh- 
eadh  air  son  luchd-siubhail  a  bha  a'  falbh 
agus  a'  tighinn  gy,  Biiird  agus  Comhairlean 
agus  Goinneamhan  a  chiim  bataichean 
MhacBrajme  gun  bhriseadh." 

Ach  ged  bha  Uilleam  Leishman  a'  gabhail 
air  nach  robh  feum  air  bith  ann  fhein  air 
Bord  nan  Sgoilean  sgriobh  e  moran  'n  a 
leabhraichean-sgriobhaidh  mu  sgoilean  agus 
mu  theagasg  cloinne.  B'abhaist  dha 
ainmean  nan  sgoilearan  d'an  robh  Bursaries 
air  an  tabhairt  a  chur  sios  'n  a  leabhar-la 
a  h-uile  bliadhna,  agus  a  thuilleadh  air  sin, 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


bha  e  a'  cumail  seallaidh  orra  fad  bhliadh- 
nachan,  los  beachd  cothromach  fhaotainn 
am  b'fhiach  do'n  duthaich  airgiod  a  chosd 
air  Bursaries  do  na  sgoilearan  a  bha  'g  am 
faotaimi.  Bha  e  fada  fada  an  aghaidh  a 
bhi  a'  toirt  air  falbh  na  cloinne  as  na  sgoilean 
beaga  agus  'g  an  cruinneachadh  do  sgoilean 
as  mo,  cho  luath  's  a  ruigeas  iad  dusan 
bliadhna,  agus  air  aon  duilleig  tha  e  ag 
r^dh  nach  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  luaithe 
a  ni  clann  mi-mhodhail  agus  beag-narach 
na  iad  a  bhi  a'  siubhal  air  train  comhla 
do'n  sgoil,  maduinn  agus  feasgar. 

***** 

Bha  e  'n  a  chleachdadh  aig  Uilleam  Leish- 
man  a  bhi  a'  cur  sios  a  smuaintean  agus  a 
bheachdan  mu  iomadh  rud  nach  buineadh 
do  thuathanachd,  agus  faodaidh  mi  cuid 
dhiubh  sin  a  thoirt  am  follais  air  an  duilleig 
so,  ged  nach  'eil  ceangal  air  bith  aca  ri 
cheile  ach  a  mh^in  gur  arm  anns  an  aon 
inntinn  a  dh'  eirich  iad. 

"  Chan  abrainn  duine  coimhlionta  ri  duine 
air  bith  nach  'eil  coibhneil  agus  baigheil  ri 
coin  agus  eich,  agus  ris  na  creutairean  eile  a 
tha  timchioU  oirnn.  Ma  tha  cairdeas  aig  mac 
an  duine  ris  na  h-ainglean,  creutairean  uasal, 
tha  cairdeas  aige  cuideachd  ris  na  h- 
ainmhidhean,  creutairean  iosal,  agus  cha 
bhiodh  e  ceart  do  dhuine  maith  a  chairdean 
bochd  a  dhi-chuimhneachadh.  Chan  'eil 
anns  an  uachdranachd  a  fhuair  an  duine 
thairis  air  creutairean  eile  na  talmhainn  ach 
buaidh  a  thug  e  orra  le  cumhachd  na  h- 
inntinn,  agus  mur  bheil  a'  bhuaidh  agus  an 
uachdranachd  sin  air  an  cleachdadh  gu 
cothromach  agus  gu  coibhneil  chan  'eil 
annta  ach  foirneart  agus  ain-tighearnas. 
Tha  an  coirichean  fhein  aig  na  creutairean 
air  saoibhreas  na  talmhainn  cho  cinnteach  's 
a  tha  iad  aig  cloinn-daoine,  oir  bha  iad  air 
thalamh  m'an  robh  mac  an  duine  idir  ann. 
Air  uairean  bithidh  e  a'  cur  dragha  air  mo 
choguis  gu  bheil  barrachd  gaoil  agara  air  na 
h-eich  agus  na  coin  ris  a  bheil  mo  ghnothuch 
gach  la  na  tha  agam  air  cuid  de  m'dhaimhich 
a  reir  na  feola,  ach  air  an  laimh  eile  tha  f  hios 
agam  gu  robh  faireachduinean  blath  agus 
smuaintean  diadhaidh  air  an  dilsgadh  'n 
am  chridhe  le  suilean  ciuin  agus  dileas  agus 
neochiontach  chreutairean  balbh  na  bu 
trice  na  le  searmonachadh  Neill  Mhic 
Pharlain,  B.D." 

"  Is  toigh  leam  an  da  fhacal  so,  saothair 
agus  dragh  ;  faodaidh  tu  a  bhi  cinnteach  nach 
'eil  obair  mhaith  air  bith  air  a  deanamh  gun 
saothair  no  gun  dragh,  co  dhiu  a  tha  ann 
treabhadh,  no  saorsainneachd,  no  sgriobhadh, 
no  riaghladh.  Air  na  Buird  air  an  do  shuidh 
mi  o  chionn  bhliadhnachan  thug  mi  an  aire 


nach  'eil  a'  rdhor-chuideachd  de  na  buill  a 
gabhail  orra  fein  de  dhragh  's  gu'n  rannsaich 
iad  gu  curamach  na  ciiisean  a  bhios  a' 
tighinn  air  am  beulaibh,  ach  air  a  h-uile 
Bord  tha  dha  no  tri  leis  nach  leasg  saothair 
agus  dragh  a  ghabhail  gus  a  bhi  suas  ris  a 
h-uile  gnothuch,  agus  is  iad  sin  na  daoine  aig 
a  bheil  iighdarras  agus  cumhachd,  agus  a  tha 
a'  riaghladh  chaich.  Chan  'eil  ann  an  ckjh 
ach  piorraidean  a  bhios  a'  gnogadh  an  cinn 
agus  a'  feuchainn  ri'n  aineolas  a  chleith  orra 
fhein.  Ach  ged  tha  fios  aig  daoine  gu  maith 
nach  deanar  obair  gun  dragh  a  ghabhail 
rithe,  tha  a  leithid  de  ghaol  aca  air  saorsa 
agus  a  leithid  de  ghrain  air  saothair  's  gu'n 
tilg  iad  an  obair  as  an  lamhan  a  cheart  cho 
luath  's  a  dh'fbairicheas  iad  i  'n  a  cuing. 
Ach  chan  'eil  ann  an  duine  nach  ceannsaich 
a  thoil  agus  fhaireachduinean  acb  leth- 
duine." 

"  Bithidh  iad  ag  radh  gu  bheil  mathraich- 
ean  a'  saoilsinn  nach  'eil  clann  air  an  t-saoghal 
coltach  ri'n  cloinn  fhein,  cho  boidheach  no 
cho  modhail,  agus  gur  e  so  gucag  as  a  bheil 
iad  ag  ol  fiona  gun  sgur.  Theagamh  gu  bheil 
freumh  de'n  fhirinn  anns  an  fhacal  so,  ach 
is  e  mo  chuimhne-sa  air  laitnean  m'oige  gu 
robh  mo  mhatnair  a'  saoilsinn  gu  robh  sinn 
na  bu  mhiosa  agus  na  b'olca  na  clann  nan 
coimhearsnach,  agus  gu'n  cunntadh  i  i 
fhein  sona  na'n  robh  sinn  cho  maith  ri 
cloinn  eile.  Tha  mi  an  diiil  gu  bheil  an  da 
sheorsa  mhathraichean  cearr  'n  am  beachd, 
oir  tha  clann  an  t-saoghail  car  coltach  ri 
cheile,  da  thrian  de  nadur  a'  chalmain 
annta  agus  aon  trian  de  nadur  a'  gheoidh." 

"  Arms  a'  mhaduinn  chuala  mi  am  minis- 
tear  a'  searmonachadh  air  a'  cheann-theagaisg 
so  ann  an  leabhar  Ester, — "  Chunnaic  Haman 
nach  do  chrom  Mordecai  e  fein,  agus  nach 
d'  thug  e  urram  dha,  agus  bha  Haman  l^n 
feirge,"  ach  ged  bha  duil  agam  gu'n  gabhadh 
e  coinneal,  agus  gu'n  rannsaicheadh  e  leatha 
ctiiltean  dorcha  ann  an  cridhe  Hamain,  cha 
b'ann  air  Haman  a  labhair  e  idir  ach  air 
Mordecai. 

Fhuair  Haman  inbhe  agus  urram  mor,  ach 
cha  robh  cupan  a  shonais  no  a  shuaimhneis 
Ian  a  chionn  gu  robh  aon  duine  ann  nach  do 
rinn  a  bheic  dha.  Sin  mar  tha  an  saoghal. 
Air  cho  ion-mhiannaichte  's  ga  bheil  suidh- 
eachadh  duine,  ma  thig  aon  chamadh  'n  a 
chrannchur,  tha  comas  aig  a'  chamadh  sin 
air  gach  ni  maith  eile  a  chur  as  an  t-sealladh. 
Ged  bhiodh  gach  tiodhlac  maith  agad  a 
dh'iarradh  .do  chridhe  theid  aig  aon  charraid 
no  aon  chamadh  'n  ad  clirannchur  air  do 
shonas  a  mhilleadh  ;  bas  ann  ad  theaghlach, 
siataig  ann  ad  chruachan,  no  cancer  anns  an 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— DUTHAICH  MHOR  AGUS  BHEARTACH 


taobh-a-stigh  dhiot.  Tha  oighxeachd  aig 
righrean  a  dhThaodadh  an  deanamh  sona, 
ach  ged  bha  bean  agus  clann  agus  solasan 
eile  aig  Ahab  ghabh  e  an  leaba,  agus  gun 
chail  do  bhiadh  aige,  a  chionn  nach  bu  leis 
crioman  beag  de  fhearann  a  shanntaich  e. 
Tha  e  fior  gu'n  toir  nithean  neonach  bhuapa 
e.  Bha  duine  ann  an  Cille-sgumain  a  bha 
oho  sona  ris  an  smeorach  a  chionn  gur  ann 
air  an  aon  la  agus  anns  an  aon  bhliadhna  a 
rugadh  e  fhein  agus  Gladstone,  ach  bha 
duine  eile  ann,  fear  de  na  ciobairean  agam 
fhein,  a  leig  le  shonas  a  bhi  air  a  mhilleadh, 
agus  nach  suidheadh  comhla  ri  daoine  eile 
aig  biadh,  a  chionn  gu'n  tainig  sgall  air  aig 
coig  bliadhna  fichead." 

"  Chuala  mi  duine  a  tha  gle  thurail  ag 
radh  an  de  gu  bheil  e  furasda  duine  onorach 
aithneachadh  le  aon  bhuille  de'n  t-suil. 
Na'n  robh,  bhiodh  slighe  nam  f  irean  anns  an 
t-saoghal  na  b'fliasa  na  tha  i.  Chan  'eil 
ann    an    aodann    duine    ach    aon    de    na 


comharraidhean  leis  an  aithnichear  nadur 
agus  gne  an  duine,  agus  air  uairean  mhealladh 
aodann  duine  na  naoimh  no  na  h-ainglean 
fein.  Na  sullean  corporra  a  bu  bhl^ithe  a 
chunnaic  mi  ann  am  boirionnach  riamh,  agus 
an  aghaidh  a  bu  bhoidhche  agus  a  bu  mhalda, 
bha  sradag  de'n  donas  air  an  cul.  Agus  air 
an  laimh  'eil  nach  trie  a  chunnaic  mi  ceann 
maol  agus  aodann  cruaidh,  faobach,  diir,  mar 
gu'm  biodh  air  bocsair,  air  duine  a  bha 
iriosal  agus  macanta  agus  cho  bog  'n  a 
chridhe  's  nach  cuireadh  e  car  ann  an  amhach 
circe.  Ged  choisneas  aghaidh  uasal  agus 
fhlathail  eisdeachd  do  dhuine  na's  luaithe  agus 
na's  cinntiche  na  rud.air  bith  eile  b'fhearr 
learn  an  duine  a  thomhas  le  bhriathran  na 
le  choslas.  Chan  'eil  iad  uile  maith  no  glic 
air  a  bheil  coslas  maith  is  glic.  Air  a' 
cheann  mu  dheireadh  chan  'eil  ach  aon 
doigh  chinnteach  air  an  aithnichear  daoine, 
an  caitheamh-beatha.  Air  a  toradh  aithnich- 
ear a'  chraobh. 


Duthaich  mh6r  agus  bheartach 


CO  i  an  duthaich  sin  ? 

Tha  Canada,  an  seud  as  luachmhoire  arm 
an  Crtin  Bhreatuinn. 

Ged  is  mor  Albainn  'n  ar  stiilean-ne,  chan 
'eil  Albainn  ach  mu  274  mile  o  thuath  gu 
deas,  ach  tha  Canada  corr  agus  a  dheich 
uiread  sin  (2870  mile)  o  thuath  gu  deas,  is 
tha  e  3050  mile  o  shiar  gu  sear. 

Tha  3,690,043  mile  ceithir-che^rnach  ann. 

Na'n  robh  na  lochan-uisge  a  tha  ann  an 
Canada  air  an  cur  comhla  chomhdaicheadh 
iad  228,070  mile  ceithir-chearnach,  dliith  air 
da  mheudachd  Bhreatuinn. 

Tha  350,000  acair  de  thalamh-aitich  maith 
ann  an  Canada,  ach  chan  'eil  an  dara  leth 
de'n  fhearann  sin  air  a  threabhadh,  no 
eadhon  air  a  shuidheachadh. 

Chan  'eil  cruithneachd  air  an  t-saoghal  as 
fhearr  na  cruithneachd  Chanada ;  tha 
tighean-stoir  aice  a  ghleidheas  100,000,000 
bolla  sil. 

Tha  barrachd  fiodha  ami  an  Canada  na  tha 
ann  an  diithaich  air  bith  eile ;  is  ann  a 
coilltean  Chanada  a  thatar  a'  tarruing  a' 
chuid  as  mo  de'n  fhiodh  air  a  bheil  paipear 
air  a  dheanamh. 

Tha  barrachd  radium,  agus  nickel,  agus 
platinum,  agus  zinc,  ri  fhaotainn  ann  an 
Canada  na  ann  an  diithaich  air  bith  eile. 

Tha  or  agus  airgiod  agus  copar  ri  fhaotainn 
ann  am  meinnean  Chanada. 


Aig  aon  am  cha  robh  dad  ach  tuathanachd 
a'  dol  air  aghaidh  an  Canada,  ach  tha 
factories  mhor  ann  an  diugh,  oibrichean  de 
gach  seorsa,  leis  a  bheil  iad  a'  deanamh 
malairt  ri  rioghachdan  eile.  Tha  bataichean 
dhaibh  fein  aca  leis  a  bheil  iad  a'  tarruing 
bathair  do  gach  port  anns  an  t-saoghal. 
Tha  Canada  a'  reic  mu  350,000  tunna  eisg 
(air  a  shailleadh  no  air  a  chur  ann  an 
cannachan)  a  h-uile  bliadhna  ;  tha  bradan 
agus  giomaich  Chanada  ainmeil. 

Siol,  feoil,  caise,  agus  ubhlan,  rachadh  aig 
Canada  air  Breatunn  a  bhiathadh  leo  ged 
nach    cuireadh    Breatunn    crann    anns    an 

talamh. 

***** 

Ach  ged  tha  Canada  mor  agus  beartach 
chan  'eil  ann  ach  11,000,000  de  dhaoine, 
beagan  's  a  dha  uiread  's  a  tha  ann  an 
Lunnainn  ;  moran  fearainn  a'  feitheamh  ri 
bhi  air  a  shealbhachadh. 

Ged  nach  robh  nighean  aig  Breatunn 
riamh  a  bu  dilse  no  bu  dleasdanaiche  na 
Canada,  tha  Canada  a  nis  air  thigheadas  dhi 
fein,  is  feumaidh  an  t-seana  mhathair  a  bhi 
an  da  chuid  gho  agus  faidhidinneach  agus 
uasal  anns  gach  dol-agus-tighinn  a  tha 
eatorra. 

Eaodaidh  Canada  a  dorsan  fhosgladh  do 
dhaoine  air  bith  a  thoilicheas  i  a  leigeil  a 
steach,  oir  tha  feum  aice  air  daoine  a  ghabhas 
fearann,  ach  ged  tha  i  a'  gabhail  ri  daoine  a 
dtithaich  air  bith  ma  tha  iad  gun  mheang  'n 


6 


DUTHAICH  MHOR  AGUS  BHEARTACH— AN  T-SEANMHAIR 


am  bodhaig  no  'n  an  cliti,  Frangaich,  Polaich, 
Suainich,  Lochlannaich,  Gearmailtich,  is  e 
Breatunnaich  as  fhearr  leatha,  agus  gu 
sonraichte  Albannaich. 

Bhiodh  e  'n  a  bhuannachd  mhor  do 
Bhreatunn  na'n  robh  sruth  dhaoine  a'  falbh 
aisde  do  Chanada  a  h-uile  bliadhna  a  shealbh- 
achadh  an  fhearainn  a  tha  fathast  mu  reir. 

Mur  sealbbaich  Breatunnaich  e  sealbhaich- 
idh  daoine  eile  e  anns  nach  'eil  boinne  d'  ar 
fuU-ne,  agus  mar  is  lugha  a  bhitheas  de  fhuU 
Bhreatunnach  ann  an  Canada  is  ann  is  mo 
an  cunnart  gu'n  tarruing  an  da  dhtithaich  air 
falbh  o  cheile. 

Ann  an  crich  ri  Canada  tha  Staidean 
America,  agus  ri  uine  fasaidh  na  bannan  a 
tha  eadar  America  agus  Canada  na's  laidire 
agus  na's  laidire,  air  an  neartachadh  le 
dluth-choimhearsnachd  agus  malairt. 

A  thaobh  sith  an  t-saoghail  cha  bu  mhaith 
gu'm  fagadh  Canada  comh-fhlaitheachd 
Bhreatuum. 

Cha  lughdaicheadh  e  neart  no  fallaineachd 
Bhreatuinn  ged  bhiodh  Saor-Stat  Eirinn  air 
a  cur  fodha  anns  a'  Chuan  Shiar  ;  ged  bu 
chaU  mor  e  na'n  sgaradh  Staidean  na  h-Afric 
Dheas  iad  fein  o  iompaireachd  Bhreatuinn, 
bu  chall  e  a  gheibheamaid  os  a  chionn  ;  ach  bu 
bhuille-bhais  e  do  Bhreatunn  Canada  a  chaU. 

Faodaidh  e  bhith  gu'm  fas  Canada  na's 
laidire  agus  na's  beartaiche  na  Breatunn, 
agus  CO  aige  tha  fhios  nach  bi  priomh-bhaile 
Iompaireachd  Bhreatuinn  ann  an  Canada 
fhathast,  Lunnainn  iir  an  aite  an  t-seana 
Lunnainn  a  dh'fhaodas  a  bhi  air  a  smuideadh 
gu  lar. 


Cha  toigh  le  muinntir  na  GMdhealtachd 
a  bhi  a'  cluinntinn  iomraidh  air  imrich  thar 
chuan,  oir  cha  do  dhichuimhnich  iad  riamh 
an  t-ana-ceartas  a  thugadh  d'an  luchd- 
diithcha  a  bha  air  am  fogradh  do  Chanada  k 
tighearnan-fearainn  anns  na  hnntean  a 
dh'fhalbh. 

Ach  chan  'eil  feum  ann  dhuinn  a  bhi  a' 
cuimhneachadh  nan  seann  laithean  sia  an 
diugh  ;  feumaidh  na  ginealan  ura  an  rud  a 
fhreagras  orra  fein  a  dheanamh. 

Do  ghUle  6g  a  tha  luath  agus  laidir  agus 
cruadalach  nach  bochd  an  oighreachd  croit 
bheag  anns  a'  Ghaidhealtachd  no  anns  na 
h-EUeanan  an  coimeas  ri  tri  cheud  acair  de 
fhearann  maith  ann  an  Canada  ? 

Ged  bu  bhochd  cor  nan  daoine  a  bha  an* 
am  fuadach  do  Chanada  tha  an  oghachan  agus 
an  iar-oghachan  moran  na's  fhearr  air  an 
doigh  an  diugh  na  oghachan  agus  iar- 
oghachan  na  feadhnach  a  dh'fhag  iad  'n  an 
deidh. 

An  uair  a  chailleas  ar  sluagh-ne  an  sprachd 
agus  a'  mhisneach  a  chuir  an  aithrichean  thar 
chuantan  a  dh'iarraidh  an  fhortain  theid 
grian  Bhreatuinn  fodha. 

Chan  'eU  duthaich  air  thalamh  a  tha  a' 
tairgsinn  cothrom  as  fhearr  do  dhaoine  laidir 
cruadalach  gun  leisg  na  Canada. 

Is  blath  an  fhuU  ;  an  uair  a  tha  Breatunn 
ann  an  droch  chas  chan  'eU  oisean  d'  ar 
n- iompaireachd  as  luaithe  a  leumas  'n  a 
h-armachd  na  Canada.  > 

Mar  sin  cha  bu  mhaith  gu'm  fasadh  an 
fhuil  Bhreatunnach  tana  ann  an  Canada. 


An  t-seanmhair 


CHA  b'urrainn  e  bhith  gu  robh  i  cho  scan  's 
a  bha  mise  a'  saoilsinn  a'  cheud  uair  a 
chunnaic  mi  i,  ach  'n  am  shiiilean-sa  bha  i 
ag  amharc  fiadhaich  sean,  le  a  fait  liath,  a 
currachd  geal,  seaUa  bheag  m'a  guaiUean, 
agus  am  BiobuU  agus  na  speuclairean  air  a' 
bhord  bheag  ri  taobh  a  cathrach. 

Is  iomadh  buille  ghoirt  a  fhuair  i  'n  a 
beatha,  ach  cha  do  chaill  i  riamh  a  creideamh 
ann  an  gliocas  agus  ann  an  gradh  a  h-Athar 
neamhaidh,  agus  bha  ciuineas  agus  fois  a 
cridhe  ri  fhaicinn  air  a  h-aodann  seimh  agus 
sona. 

Bha  gaol  aig  a'  chloinn  oirre,  agus  ruitheadh 
iad  chuice  leis  gach  gearan  a  bhiodh  aca,  an 
gltiinean  air  an  gearradh,  no  an  cridheachan 


air  an  goirteachadh  ;  ach  ciod  air  bith  a  bha 
cearr  cha  bhiodh  ise  fada  'ga  chur  ceart. 

Ma  bha  neach  tinn  b'aithne  dhi  an  neach 
sin  a  dheanamh  comhfhurtachaU  na  b 'fhearr 
na  b'aithne  do  dhaoine  eile.  B'aithne  dhi 
ciod  am  biadh  a  b'  fhearr  le  balaich  agus 
caileagan  a  bha  tinn,  agus  aig  nach  robh 
moran  call  do  bhiadh  idir.  Sheinneadh  i 
dhaibh  is  dh'innseadh  i  naidheachdan  dhaibh, 
fad  na  h-iiine  'g  an  treorachadh  gu  caomhail 
gu  Criosd  an  Slanuighear. 

An  uair  a  bha  na  balaich  a'  fas  na  bu 
shine,  agus  a  bhiodh  iad  a'  dol  a  mach  a 
dh'iasgach  air  feasgair  shamhraidh,  air 
uairean  a'  fantuinn  a  mach  gu  maith  anmoch, 
is  e  an  t-seana  bhean  a  dh'fhanadh  air  a  cois 


AN  T-SEANMHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


gus  an  tigeadh  iad  dhachaidh.  Leigeadh  i 
leis  na  searbhantan  dol  a  laighe  ;  bhiodh  teine 
ajce  air  chionn  nam  balach  agus  suipeir 
nihaith,  aran  coiree  agus  sgonaichean,  im  is 
cai^e,  mil  agus  bainne,  agus  a  chrtinadh  na 
feisde  chuireadb  i  ann  am  beagan  mbionaidean 
truinnsear  mor  air  am  beulaibh  air  a'  bhord 
de  na  brie  a  ghlac  iad,  ag  radh  riu  nach 
f hacas  riamh  brie  a  bu  reamhra ! 

An  sin  rachadh  iad  uile  do'n  leabaidh, 
le  beannachd  an  seanmhar. 

Tha  aon  dealbh  som'aichte  'n  am  inntinn  ; 
oidbche  a  chaidh  i  suas  an  staidhir,  a  dh'- 
fhaicinn  an  robh  a'  chlann  uile  'n  an  cadal, 
faicear  fear  de  na  balaich  bbeaga  'n  a  shuidhe 
air  an  tirlar,  eoinneal  'n  a  laimh  chli  agus 
umbrella  'n  a  laimh  dheis.  Bha  e  a'  sealltuinn 
gu  diir  air  toll  far  an  robh  e  a'  faicinn  radan 
a'  cur  a  mach  an  cinn. 

"  A  sheanmhair,"  ars  esan  gu  beag,  "  tha 
mi  cinnteach  gu'n  do  mharbh  mi  fear  mor 
dhiubh  leis  an  sgreuch  a  thug  e  as."  An 
dubhairt  i  ris  gu  robh  an  t-am  aige  a  bhi  'n 
a  leabaidh  an  aite  a  bhi  a'  sealg  radan  aig 
an  uair  ud  a  dh'oidhche  ?  Chan  e  sin  idir 
a  thubhairt  i  ris  an  duineachan  bheag. 

"  Anndra,"  ars  ise,  "  nach  tusa  a  bha 
gleusda  an  radan  mor  a  mharbhadh  ;  chan 


f haca  mi  duine  riamh  a  rimi  e  ach  thu  fhein, 
ach  ma  bheir  thu  dhomh  m'umbrella  bheir 
mi  dhuit  sgian-phaipeir,  agus  cuiridh  tu  ort 
t'aodach,  agus  ma  dh'fhaoidte  gu'm  faigh 
thu  torr  dhiubh  an  sin." 

Tha  corp  a'  ghille  bhig  ud  an  diugh  'n  a 
shineadh  ann  an  uaigh  anns  an  Fhraing,  chan 
'eil  fhios  e'aite,  ach  an  uair  mu  dheireadh  a 
bha  e  aig  an  tigh,  m'an  deachaidh  e  do  'n 
Fhraing,  thubhairt  e,  "  Tha  aon  bhoirionnaeh 
air  an  t-saoghal  nach  fhasainn  sgith  gu 
brath  de  bhi  a'  seanehas  rithe,  agus  is  e  sin 
mo  sheanmhair." 

Mar  thubhairt  mi  cheana  bha  a  roinn  fhein 
aice  de  thrioblaidean  na  beatha. 

Bha  seachdnar  d'a  "  balaich "  air  am 
marbhadh,  cuid  dhiubh  air  tir,  agus  cuid  eile 
air  a'  mhuir  no  anns  an  adhar. 

Cha  bheo  i  fhein  an  diugh  ;  sgith  agus  lag 
agus  scan,  shiolaidh  i  air  falbh  as  an  t-saoghal, 
ach  bha  a  creideamh  agus  a  gradh  agus  a 
dochas  cho  laidir  's  a  bha  iad  riamh. 

M'an  do  shiubhail  i  bhiodh  breisleach  a' 
tighinn  oirre  air  uairean,  ach  eadhon  ann  an 
seachran  na  h-inntinn  is  ann  air  na  "  balaich 
ghaolaeh  "  a  bhiodh  i  a'  bruidhinn,  a'  guidhe 
gu  duraehdach  gu'n  coinnicheadh  iad  a  cheile 
a  ris. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Alasdair  MacDhonnchaidh, 
M.A. 

Bha  mi  toilichte  fhaicinn  gu  bheil  Oilthigh 
Obar-Dheadhain  a'  dol  a  thoirt  D.D.  do  mo 
sheana  chompanach-sgoile,  ministear  Chill- 
Mhaillidh.  Gu  ma  fada  a  mhealas  e  an 
t-urrapa  so. 

Chuir  Mghr  Mac  Dhonnchaidh  seachad 
cuid  mhaith  d'a  bheatha  ann  an  seirbhis  na 
h-eaglais  anns  na  h-Innsibh  an  Ear,  ach  ged 
nach  'eil  uiread  Gaidhlig  aige  's  a  bha  aig  an 
Ollamh  Gilleasbuig  Mac-a-Chleirich,  fear  de 
na  ministearan  a  bha  roimhe  an  Cill  Mhaillidh, 
tha  sinn  'g  a  chunntas  mar  mhinistear 
Gaidhealach,  chan  ann  a  chionn  gu  bheil  e 
ann  an  sgir  Ghaidhealach,  ach  a  chionn  gu 
bheil  e  a'  searmonachadh  an  Gaidhlig. 
Sgriobh  e  aon  turns  mu  chuspair  araidh  anns 
na  duilleagan  so. 

Urnuigh  air  son  luchd-mara. 

0  Athair  sliiorruidh,  Dhe  nam  feart, 
A  chuir  an  cuan  fo  gheill  le  d'  neart, 

Tha  toirt  na  h-aithne  mhoir  do'n  mhuir 
'S  a  criochan  roimhp'  air  tus  a  chuir. 

An  tirnuigh  eisd  tha  'g  6irigh  uainn 

As  leth  na  dream  tha  'n  gabhadh  cuain. 


0  Chriosd  a  chuir  an  fhairg'  fo  fhiamh 
'S  a  chaochail  fearg  nan  stuadh  gu  fiath, 

A  shiubhail  aghaidh  gharg  a'  chuain, 

'S  a  ghabh  's  an  stoirm  gu  ciuin  do  shuain, 

An  tirnuigh  eisd  tha  'g  eirigh  uainn 

As  leth  na  dream  tha  'n  gabhadh  cuain. 

0  Spioraid  Naoimh,  a  laigh  o  chian 
Air  bharr  na  doimhne  duibh,  gun  rian, 

A  chaisg  gach  buaireas  borb  is  stri, 
'S  a  shiolaidh  gleachd  nan  dul  gu  sith, 

An  urnuigh  eisd  tha  'g  eirigh  uainn 

As  leth  na  dream  tha  'n  gabhadh  cuain. 

A  Thrianaid  Naoimh  nam  buadh  's  nan  gras , 
D'  ar  braithrean  bi  ad  sgiath  's  gach  cas  ; 

Bho  namh,  bho  chreig,  bho  theine,  's  sian, 
Gach  aird  's  an  seol  iad  dean  an  dion, 

'N  sin  eiridh  dhuit,  o  mhuir  is  tir, 
Ard  laoidhean-molaidh  ait,  gu  sior. 

Bu  choir  do  mhuinntir  nan  Eileanan  gu 
sonraichte  a  bhi  ag  iirnuigh  gun  sgur  air  son 
nan  daoine  a  tha  maeh  air  a'  chuan,  far  a 
bheil  an  diugh  cunnartan  ura  agus  cunnartan 
as  miosa  air  an  cur  ri  cunnartan  nadurra  na 
fairge,  innleaehdan  mallaichte  an  luchd- 
sgrios. 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


An  Baidheachan  Soisgeulach. 

A  dh'aindeoin  gainne  paipeir,  agus  cosdus 
a'  chlodh,  agus  gu  bheil  e  eu-comasach.  an 
diugh  an  Raidheachan  a  liubhairt  do  dhaoine 
a  bha  'g  a  fhaotainn  anns  an  Olaind  agus 
anns  an  Fhraing,  agus  ann  an  duthchanna 
eile,  a  tha  air  an  dunadh  oirnn  leis  a'  chogadh, 
tha  an  t-Urramach,  an  t-Ard-Ollamh  Domh- 
nixU  Mac  Gill-eathain,  an  Collaist  na  h- 
Eaglaise  Saoire,  an  Diin-eideann,  am  Fear- 
deasachaidh,  a'  cur  roimhe  gu'n  teid  an 
RMdheachan  air  aghaidh.  Tha  e  a'  tighinn 
a  mach  a  nis  o  chionn  da  bhliadhna  dheug 
gun  duine  aig  a  bheil  lamh  ann  a  chur  ann 
am  fiachan,  agus  is  mor  an  teisteanas  agus 
an  cliti  sin  air  Raidheachan  de'n  t-seorsa 
so,  aig  nach  'eil  crioch  eile  's  an  amharc  ach 
eolas  diadhaidh  a  chraobh-sgaoileadh,  agus 
Firinn  a'  Bhiobuill  agus  a'  Chreidimh 
Chriosduidh,  a  mhineachadh  agus  a  dhion. 

Anns  an  aireamh  so  tha  dha  no  tri  de 
sgoilearan  maithe  a'  sgriobhadh  gu  rianail 
agus  gu  tuigseach  mu'n  naomh  Augustin, 
mu  eolas-leighis  anns  an  t-Seann  Tiomnadh, 
mu  Phol  agus  mu  fhear-coimhead  a'  phriosain 
ann  an  Philippi,  ach  is  e  a'  chuid  a  b'fhearr 
learn  dheth  na  duilleagan  a  sgriobh  an 
t-Ollamh  Iain  Mac  Leoid,  Ceann  a'  Chollaist 
aig  an  Eaglais  Shaoir,  mu  Ard-uachdranachd 
Dhe.  Is  ann  a  mhain  do  dhaoine  iriosal 
a  thig  e  a  bhi  a'  bruidhinn  mu  Dhia,  no 
mu'n  diomhaireachd  a  tha  ann  am  bith 
Dhe.  Ciod  e  Dia,  no  ciod  e  'ainm?  Co  is 
urrainn  a  radh  ?  Chan  'eil  ann  ach  goraiche 
agus  diomhanas  do  neach  air  bith  a  bhi 
saoilsinn  gu'n  ruig  e  air  eolas  fior  air  Dia, 
an  Cruithear ;  chan  'eil  eolas  ri  fhaotainn 
air  Dia  ach  a  mhain  mar  Shlamiighear, 
air  fhoillseachadh  ann  an  Criosd,  agus  cha 
do  labhair  Dia  riamh,  agus  cha  labhair  e  le 
Fhacal  gu  bratli,  ach  ri  duine  a  tha  moth- 
achail  gur  peacach  e  'n  a  lathair. 

Bu  mhaith  leam  an  Raidheachean  so  a 
mholadh  do  mhinistearan  agus  do  mhuinntir 
na  h-eaglais  againn  fhein.  Chan  'eil  e  a' 
cosd  ach  leth-chrim,  no  dha  is  naoi  sgillinn 
leis  a'  phosta. 


Eud  diadhaidh. 

Uair  no  dha  anns  an  Tiomnadh  Nuadh 
tha  e  air  a  radh  gu'm  bu  mhaith  do  chlann 
an  t-soluis  na'n  robh  iad  cho  glic  ri  clann 
an  t-saoghail.  Cha  trie  le  clann  an  t-saoghail 
fearg  a  ghabhail  riut,  no  idir  idir  do  chur 
a  mach  as  an  comunn,  ged  bhiodh  beachdan 
agad  a  tha  calg-dhireach  an  aghaidh  am 
beachdan  fein.  Ach  chan  ann  mar  sin  a 
tha  clann  an  t-soluis  •  mur  h-abair  thu 
Sibolet  anns  an  aon  doigh  riu  fhein,  no  mur 
bheil  do  bheachdan  a  reir  Teagasg  nan 
Aithrichean  cuiridh  iad  a  mach  as  an  eaglais 
thu.  An  connsachadh  agus  an  tuasaid  as 
miosa  a  dh'eireas  am  measg  sluaigh,  tha 
iad  ag  eirigh  mu  phuingean  Creidimh  agus 
mu  chtiisean  eaglaisean.  Rinn  an  Dealach- 
adh  ann  an  1843  barrachd  iorghuill  anns  a' 
Ghaidhealtachd,  agus  barrachd  sgaraidh 
am  measg  theaghlaichean,  na  rinn  Bliadhna 
Thearlaich.  Ann  am  beagan  uine  bha  an 
fheadhainn  a  rinn  tapaid  mu  Cheann  na 
Staide  reidh  ri  cheile  a  ris,  ach  dh'f han  fuachd 
agus  naimhdeas  ann  an  cridheachan  na 
feadhnach  a  rinn  tapaid  mu  Cheann  na 
h-Eaglais  fad  dha  no  tri  ghinealan.  Ajin 
an  teas  na  Land  League  cha  robh  daoine 
cho  teth  mu  chuisean  an  Fhearainn  's  a 
bha  muinntir  an  Taobh  Tuath  agus  nan 
Eileanan  Tuathach  mu'n  Declaratory  Act. 

.Ciod  as  aobhar  do'n  teas  so,  agus  car 
son  nach  'eil  clann  an  t-soluis  cho  rianail 
agus  reusonta  ri  clann  an  t-saoghail.  Tha 
aobhar  no  dha  aige,  ach  tha  mi  an  diiil 
gur  e  so  an  fhior  aobhar,  gu  bheil  eud  as 
doimhne  air  a  dhusgadh  aim  an  cridheachan 
dhaoine  leis  na  nithean  a  bhuineas  do  Dhia 
agus  do  dhiadhaidheachd  na  tha  air  a 
dhusgadh  le  nithean  saoghalta.  Agus  is 
maith  an  rud  eud,  ged  nach  'eil  e  daonnan 
a  reir  eolais,  no  a  reir  inntinn  Chriosd.  Ach 
is  maith  an  rud  faidhidinn  cuideachd, 
faidhidinn  a  ghitdaineas  le  daoine  agus  le 
beachdan  nach  'eil  a  reir  ar  n-inntinn  fein. 
Tha  mi  an  dull  gu  bheil  e  'n  a  chomharradh 
cinnteach  air  an  atharrachadh  bheannaichte 
a  thainig  air  diadhaidheachd  na  h-Alba 
nach  'eil  uiread  mhinistearan  a'  searmonach- 
adh  air  a'  cheann-theagaisg  so  an  diugh  's 
a  b'abhaist,^ — ■"  Thigibh  a  mach  as  am 
meadhon,  agus  dealaichibh  riu ;  agus  na 
beanaibh  ris  an  nl  nedghlan." 


C^irich  t'eallach  air  a  ghuaillean, 

Oir  's  ann  uaithe  thig  do  neart-sa  : 

'S  ged  nach  beachdainh  thus'  a  ghluasad, 

Creid  gu  luath  gu  bheil  e  faisg  ort, 


Feith  gu  foighidneach  ri  thim-san 
'S  imich  direach  reir  a  reachdan ; 
Ruith  do  reis  le  faire  's  dichioll, 
'S  ann  le  stri  ni  thu  streapadh. 


Aireamh  5 


1941 


Am  Bogha-frois 

Leis  an  Urramach  D.  M.  Mac  Laomainn,  Dearbhaig,  am  Muile. 
"  Mo  bhogha  cuiridh  mi  anns  an  neul." — Genesis  ix,  13. 


NA'M  biodh  am  bogha  so  's  an  iarmailt  an 
comhnuidh  gun  fhalbh,  cha  bhiodh  e  cho 
annasach.  Ach,  'nuair  a  thig  e  le  aghaidh 
aoibheil  an  deidh  miosan  de  speuraibh 
gruamach,  c6  nach  tog  a  shuil  ri  bogha  nan 
seachd  dath  ? 

'Nuair  a  chi  sinn  e,  na  dichuimhjiicheamaid 
aon  ni  urramach  a  tha  co-cheangailte  ris. 
'S  e  sin  gu'n  do  roghnaich  Dia  e  a  measg 
chuspairean  briagha  na  cruitheachd  uile  gu 
bhi  'n  a  shamhladh  agus  'n  a  shuil  fhianuis 
air  a'  choimhcheangal  shiorruidh  a  dh'fhoill- 
sich  e  do  Noah.  Chi  sinn  air  adhart  gu  bheil 
an  coimhcheangal  so  a'  ciallachadh  moran  a 
bharrachd  na'n  gealladh  nach  tig  leithid  tuil 
Noah  gu  brath  tuilleadh  air  an  t-saoghal. 
Tha  e  a'  ciallachadh  coimhcheangal  siorruidh 
an  t-soisgeil. 

Ach  gu  de  dh'aobharaicheas  bogha-frois  a 
thighinn  do'n  speur  ?  'Sea'  cheud  ni,  fras 
uisge.  'S  e  an  dara  ni  dearrsadh  na  greine. 
Cha  dean  uisge  bogha-froise  gun  ghrian ;  ni 
mo  thig  bogha-froise  gun  uisge. 

Tha  an  so  againn  fiosrachadh  anma  a 
bhios    a    chum   slainte  .  shiorruidh.  Tha 

frasan  an  Spioraid  o  na  neamhan  an  toiseach 
'g  ar  dusgadh  gu  aithreachas. 

'Nuair  a  thainig  an  Spiorad  air  la  na 
Cuingis  's  e  a'  bhuaidh  a  bha  aige  air  an  t- 
sluagh,  gu  robh  iad  ag  eigheach,  "  Ciod  a  ni 
sinn  !  Ciod  a  ni  sinn  !  "  'S  e  ceud  thoradh 
an  Spioraid  aithreachas  a  dhiisgadh  annainn, 
bron  air  son  peacaidh,  "  bron  diadhaidh." 
Ach  an  dean  bron  an  aithreachais  ar  saoradh  ? 
Bu  cho  maith  dhuit  fhaighneachd,  "  An 
dean  frasan  uisge,  as  aonais  greine,  bogha- 
froise  ?  " 

Nach  bu  mhuladach  a'  chuis  na'n  robh  am 
mac  struidheil,  'nuair  a  chunnaic  e  a  pheac- 
adh  agus  a  dh'fhairich  e  acras,  air  suidhe  air 
cnoc  an  eu-dochais  an  aite  greasad  gu  tigh 
athar  ?  'S  e  tha  mi  a'  ciallachadh  leis  na 
smuaintean  so  gu  bheil  cunnart  do  chuid 
de  dhaoine  gu'n  saoil  iad  gur  e  cridhe  na 
diadhachd  brojj,  bron,  bron. 

Tha  cuimhne  agam  aon  S^baid  air  Tuath 
na  h-Alba,  a  bha  seirbhis  bhriagha  againn; 
eaglais  Ian;  moran  choigreach.  'S  ann  a 
bha  mi  uasal  as  an  aoradh  uile.  Ach  aig  a' 
cho-dhunadh,  rug  Sasunnach  air  laimh  orm. 
"  Ciod  e,"  ars  esan,  "  is  aobhar  do'n  choltas 
broin  a  tha  mi  a'  faotainn  'n  'ur  n-aoradh 
Sabaid  anns  a'  Ghaidhealtachd  ?     An  e  sgeul 


mhuladach  a  f  huair  sibh  o  neamh  ?  Shaoil 
mise  gur  h-e  f  huair  sibh  sgeul  mhor 
aoibhneis." 

Chuir  briathran  a'  choigrich  smaointean 
orm.  Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  gne 
chianalas  ri  fhaicinn  ann  ar  n-aoradh  's  an 
taobh  Tuath.  Ach  tha  taobh  eile  air  a' 
cheist.  Tha  cosmhalachd  an  t-sil  a'  toirt 
rabhaidh  dhuinn  gu'm  faod  cuid  gabhail  ris 
an  t-soisgeul  "  le  gairdeachas,"  ach  gu'm 
faod  an  gairdeachas  a  bhi  aotrom,  gun 
doimhneachd,  gun  toradh  siorruidh ;  siol  a 
shearg  a  chion  doimhneachd. 

A  nis  mu'n  dealaich  am  bogha-froise  ri 
siiil  ar  n-inntinn,  tha  da  ni  annasach  agus 
cudthromach  air  a  shamhlachadh  leis  an 
t-samhladh  so  air  ciimhnanta  trocair  Dhe 
dhuinn  ann  an  losa  Criosd. 

(1)  Ma  bheir  thusa  'n  aire  do'n  bhogha- 
fhroise  a'  dealradh  thairis  air  beann  is 
gleann  is  cuan,  ciod  a  chi  thu  'n  a  mheadhon, 
'na  theis-meadhon  ?  'S  e  direach  thu  fein  ! 
'S  tu  tha  seasamh  'n  a  fhior  mheadhon. 
Chan  urrainn  dhuit  ruith  air  falbh  taobh  a 
mach  a'  bhogha.  Chan  urrainn  ged  bhiodh 
agad  sgiathan  na  h-iolaire. 

Sin  agad  ma  ta  samhladh  air  coimhcheang- 
al siorruidh  Dhe.  Tha  d'anam  'n  a  theis- 
meadhon;  sin  ri  radh  mar  nach  biodh 
ciiram  sam  bith  air  Dia  an  aire  thoirt 
dhuit-sa. 

(2)  'S  e  so  an  ath  ni  a  tha  bogha-froise  a' 
Bhiobuill  a'  teagasg.  'Nuair  a  bheir  am  bas 
thu  a  mach  as  an  t-saoghal  so,  bidh  am 
bogha-froise  a'  feitheamh  ort  air  neamh  ann 
ad  dhachaidh  bhuan. 

'S  e  so  a  thuirt  Eoin  (Taisb.  4,  1.) 
"Dh'amhairc  mi,  agus  feuch,  Righ-chaithir 
air  neamh,  agus  neach  'n  a  shuidhe  air  an 
righ-chaithir."  Tha  Eoin  ag  ainjaeachadh 
nithean  glormhor  a  tha  timchioU  na  righ- 
chathrach,  ach  's  e  aon  diubh  am  bogha- 
froise. 

Tha  righ-chaithir  a'  ciallachadh  tighdarras 
agus  cumhachd.  Tha  am  bogha-froise  a' 
ciallachadh  gu'm  bi  cumhachd  Dhe  gu 
siorruidh  a'  deiligeadh  ruinn  a  reir  beann- 
achdan  coimhcheangal  caomh  na  beatha 
shiorruidh  air  am  bheil  am  Bogha-froise  'n 
a  shamhladh  boidheach. 

Cuimhnich  air  a  so  an  ath  uair  a  chi  thu 
anns  an  sjjeur  Bogha  glormhor  nan  seachd 
dath  ! 


Ur-aiteachadh  na  Gaidhealtachd 

Leis  an  Urramach  T.  M.  MacCalmain,  M.A.,  Govan,  an  Glaschu. 


GED  tha  an  rioghachd  againn  an  ceartuair 
an  sas  ann  an  gleachd  beatha-is-bais,  agus 
gach  neach  'n  ar  measg  fo  chomain  a  chuid 
f  hein  a  dheanamh  gus  latha  na  buadha  agus 
na  sithe  a  ghreasad,  tha  moran  dhaoine  cho 
cinnteach.  gur  ann  againne  a  bhitheas  a' 
bhuaidh  agus  gu'm  bheil  iad  cheana  a' 
smaoineachadh  air  gu  de  seorsa  saoghail  a 
bhitheas  ann  an  deidh  a'  chogaidh,  agus  gu 
sonruichte  gu  de  an  leasachadh  a  dh'fheumas 
tighinn  air  cor  an  t-sluaigh  a  chum  's  gu'm 
bi  ceartas  is  fireantachd  is  soirbheachadh  'n 
ar  tir. 

Thigeadh.  e  dhuinne  mar  Ghaidheil  ar 
n-inntinnean  a'  leigeil  ris  na  ceistean  mora 
sin  aig  am  bheil  bunntainneas  ri  cor  na 
Gaidhealtachd.  Tha  fhios  againn  uile  mar 
a  tha,  agus  mar  a  bha  o  chionn  iomadh 
bliadhna,  cuisean  anns  a'  Ghaidhealtachd, 
agus  tha  fios  againn  cuideachd,  am  measg 
gach  atharrachaidh  a  thig  air  an  t-saoghal 
an  deidh  a'  chogaidh,  gu'n  tig  atharrach- 
aidhean  mora  air  ar  diithaich  fein.  Tha  a' 
mhor-chuid  de  oigridh  na  Gaidhealtachd  ann 
an  seirbhis  a'  Chruin  an  drasda,  moran 
dhiubh  gu  mi-fhortanach  'n  am  priosanaich 
an  lamhan  an  namhaid.  An  uair  a  thilleas 
iad  dachaidh  air  la  na  sithe,  am  bi  cothrom- 
cosnaidh  a'  feitheamh  orra  mu  thuath,  neo 
am  feum  a'  mhor-chuid  dol  mu  dheas,  no 
thar  saile,  mar  a  thachair  an  deidh  a' 
chogaidh  mu  dheireadh  ? 

Achd-fearainn  1919. 

Anns  a'  chogadh  mu  dheireadh  thugadh 
gealladh  do  na  fir-chatha  gu'm  bitheadh  a' 
feitheamh  orra  air  la  na  sithe  cothrom- 
cosnaidh  'n  an  duthaich  fein  mar  dhuais 
araidh  air  an  gaisge.  Is  aithne  dhuinn  mar 
a  dh'oibrich  so  a  mach  a  thaobh  nan  Gaidheal. 
Bha  iarraidh  aig  moran  aca  air  pios-fearainn. 
Rinn  an  Riaghaltas  dail  ann  an  so  a  thoirt 
dhaibh,  agus  dh'fhas  feadhainn  dhiubh  mi- 
f  haidhidinneach,  agus  gun  chead  lagha  ghlac 
iad  piosan  talmhainn  aig  pris  priosain  is  cain. 
Ann  an  1919  rinneadh  Achd  Parlamaid  gus 
daoine  a  shuidheachadh  air  bailtean-fearainn, 
agus  dh'earbadh  an  obair  ri  Bord  an  Fhear- 
ainn  an  Albainn.  Anns  na  bliadhnaichean 
bho'n  uair  sin  ghabh  Bord  an  Fhearainn 
seilbh  air  moran  fearainn  anns  a'  Ghaidhealt- 
achd, agus  chosdadh  moran  airgid  ann  a  bhi 
suidheachadh  theaghlaichean  air  croitean 
lira.  A  dh'aindeoin  sin  uile,  f  ichead  bliadhna 
an  deidh  Achd  Fearainn  1919  bha  na  ceudan 
de  Ghaidheil  le  an  ainmean  fhathast  air 
leabhraichean    a'    Bhuird,    a'    feitheamh   ri 


croitean,  agus  moran  de  na  chaidh  a  shuidh- 
eachadh an  deidh  an  croitean  fhagail,  agus 
moran  eile  aig  an  robh  croitean  'g  am 
faotainn  fhein  ann  am  fiachan  troma.  Bha 
a'  choire  an  da  chuid  anns  an  Achd,  agus 
aca-san  ris  an  d'earbadh  a  chur  an  gniomh. 
Chan  fhaod  sin  tachairt  a  rithist. 

Gearan  nan  croitearan. 

Chan  ann  aon  uair  no  da  uair  a  rinneadh 
oidhirp  eadar  an  da  chogadh  air  cuisean  a 
cheartachadh,  ach  cha  ghabh  mise  gnothuch 
ach  ris  na  h-oidhirpean  sin  a  rinneadh  anns 
na  bliadhnaichean  mu  dheireadh  air  an 
fhearr  m'eolas. 

Aig  toiseach  na  bliadhna  1935,  leis  cho 
doirbh  's  a  bha  suidheachadh  nan  croitearan 
fo  uallach  fhiachan  do  Bhord  an  Fhearainn, 
chruinnich  moran  de  chroitearan  an  Eilein 
Sgitheanaich  am  Port-Righ,  agus  bha  coinn- 
eamh  eile  aig  croitearan  air  tir-mor  an  Caol 
Loch  Aillse,  feuch  de  a  dheanadh  iad  gus  an 
cor  a  leasachadh.  Mar  thoradh  air  na 
coinneamhan  sin  agus  air  litrichean  anns  na 
paipearan-naidheachd  Gaidhealach,  sgriobh 
croitearan  a  iomadh  aite  eile  ag  iarraidh  an 
comhairle  a  chur  ris  na  croitearan  Sgithean- 
ach.  Ann  am  Maigh,  1935,  chuireadh  fa 
chomhair  an  Riaghaltais  paipear  mor  ag 
innseadh  mar  a  bha  ctiisean,  agus  a'  guidhe 
air  an  Riaghaltas  an  suidheachadh  a  ranns- 
achadh  agus  a  leasachadh.  Ris  a'  phaipear 
so  chuir  suas  ri  seachd  ceud  croitear  an  ainm. 
Dh'iarradh  agus  fhuaireadh  taic  bho 
bhuidhnean  eile  agus  bho  Bhuill  Parlamaid 
agus    bho    na    h-Eaglaisean.  Chaidh    an 

gnothuch  a  dheasbud  aon  latha  ann  an  Tigh 
nan  Cumantan,  agus  mar  thoradh  air  so  uile 
fhuaireadh  beagan  faochaidh,  ach  gle  bheag. 

Comunn  an  Dotair  Ghrannd. 

A  reir  coltais,  cha  do  thuig  an  Riaghaltas 
mar  bu  choir  dhaibh  an  suidheachadh  a  bha 
air  eirigh  am  measg  nan  croitearan.  Mar  sin, 
b'iomchuidh  gu'm  bitheadh  an  fheadhainn 
a  chuir  an  ainm  ris  a'  phaipear  a  dh'ainmich 
mi  a'  cumail  ri  cheile  air  doigh-eigin  a  chum 
's  gu'n  comh-oibricheadh  iad  anns  gach  ni  a 
bhuineadh  dhaibh.  Chum^na  criche  so, 
rinneadh  seorsa  uUachaidh  air  son  comunn 
fearainn  a  chur  air  chois.  Ach  mu'n  am 
sin,  bha  an  Dotair  Grannd  am  Baile-a'- 
Chaolais  agus  feadhainn  eile  a'  rimachadh 
comunn  de'n  t-seorsa  cheudna  a  shuidheach- 
adh, agus,  air  eagal  's  nach  bitheadh  aite 
ann  do  dha  chomunn  de'n  aon  seorsa, 
leigeadh    leis    an    Dotair    Grannd    dol    air 


UR-AITEACHADH  NA  GAIDHEALTACHD 


aghaidh  le  chomunn  fhein  anns  an  dochas 
gu'n  tugadh  a'  mhor-chuid  de  na  G^idheil  an 
taic  dha.  i 

Aig  toiseach  na  bliadhna  1936,  mar  sin, 
chuireadh  air  chois  "  Comunn  Aiteachaidh 
na  Gaidhealtachd  "  leis  an  Dotair  Grannd 
mar  cheann-suidhe,  agus  comhla  ris  ann  an 
ard-chomhairle  a'  Chomuinn  bha  feadhainn 
dhiubh-san  aig  an  robh  lamh  ann  an  oidhirp 
nan  croitearan  a'  bhliadhna  roimhe.  Tha 
coig  bliadhna  a  nis  air  dol  seachad.  Ciod  e 
rim  a'  Chomuinn- Aiteachaidh,  agus  ciod  an 
ire  gus  an  do  chomhlion  iad  an  run  anns  na 
coig  bliadhna  sin  ? 

'S  e  rim  a'  Chomuinn- Aiteachaidh  beachd 
a  ghabhail  air  na  doighean  as  freagarraiche 
air  cor  na  Gaidhealtachd  a  leasachadh,  agus 
gach  oidhirp  laghail  agus  iomchuidh  a 
dheanamh  gus  na  doighean  sin  a  thoirt  gu 
buil,  a  chum  's  gu'm  bi  aig  na  Gaidheil  an  da 
chuid  cothroman-cosnaidh  agus  goireasan- 
beatha  'n  an  tir  fein  air  chor  's  nach  ruig  iad 
a  leas  an  aghaidh  an  toile  dol  air  imrich  as 
a'  Ghaidhealtachd.  Bha  da  ni  's  an  amharc 
aig  a'  Chomunn.  An  toiseach,  feuchainn  ri 
leasachadh  a  dheanamh  air  gach  uallach  agus 
grabadh  a  tha  saruchadh  an  t-sluaigh  a  tha 
cheana  anns  a'  Ghaidhealtachd.  An  dara  ni, 
innleachd  fhaotainn  air  a  leithid  de  leas- 
achadh agus  de  iirachadh  air  a'  Ghaidhealt- 
achd gu  h-iomlan  's  gu'n  stadadh  lughdachadh 
aireamh  an  t-sluaigh,  agus  gu'm  bitheadh 
na  h-aitean  fasail  air  an  aiteachadh  as  tir. 

Comhairle-rannsachaidh. 

Cha  cheadaich  gainne  a'  phaipeir  dhomh 
moran  a  radh  mu  oidhirpean  a'  Chomuinn 
anns  na  coig  bliadhna  a  chaidh  seachad,  ach 
feumaidh  mi  rud-eigin  a  radh,  oir  tha  cus 
dhaoine  gu  tur  aineolach  mu'n  chuspair. 
Riamh  bho'n  toiseach  b'e  priomh-iarrtus 
a'  Chomuinn  gu'n  gabhadh  an  Riaghaltas  os 
laimh  mion-rannsachadh  a  dheanamh  air  cor 
na  Gaidhealtachd,  chum  meadhonan 
beoshlainte  an  t-sluaigh  a  chur  am  feabhas. 
Ann  an  1936  shuidhicheadh  Comunn- 
rannsachaidh  mu  chor  na  h-Alba,  agus  air 
iarrtus  a'  Chomuinn-Aiteachaidh  chuir  an 
Comunn  Albannach  so  air  leth  Comhairle 
shonruichte  gus  cor  na  Gaidhealtachd  a 
rannsachadh  le  cead  an  Riaghaltais.  Fad 
da  bhliadhna  rinn  a'  Chomhairle  so  geur- 
sgriidadh  air  feadh  na  Gaidhealtachd,  le 
cuideachadh  bho  iomadh  comunn  agus  neach 
eile,  agus  gu  sonruichte  bho'n  Chomunn- 
Aiteachaidh.  Aig  deireadh  1938  chriochnaich 
a'  Chomhairle-rannsachaidh  an  obair  a 
dh'earbadh  riutha,  agus  thug  iad  am  follais 
ann  an  leabhar  mor  an  co-dhunadh  gus  an 
tainig  iad  agus  na  doighean,  a  reir  am 
barail-san,    's    am   faodar  duilgheadasan  an 


ritaobh  tuath  a  cheartachadh.  Bu  choir  do 
I  gach  neach  as  urrainn  greim  fhaotainn  air 
ij.  lomradh  na  Comhairle  a  leughadh  gu 
curamach,  oir  cha  d'rinneadh  a  leithid  de 
rannsachadh  air  cuisean  Gaidhealach  bho 
am  Commission  nan  Croitearan  corr  is  leth- 
cheud  bliadhna  air  ais.  Cha  ruigear  a  leas 
diiil  a  bhi  againn  gu'n  cuir  a  h-uile  neach 
lan-aonta  ri  uile  earalan  na  Comhairle,  ach, 
'g  an  gabhail  thar  a  cheile,  's  e  mo  bheachd-sa 
agus  beachd  a'  Chomuinn-Aiteachaidh  gu'm 
bheil  againn  ann  an  earalan  na  Comhairle  an 
seoladh  as  fhearr  a  thugadh  fhathast  air 
ciamar  as  coir  cur  mu  dheighinn  a' 
Ghaidhealtachd  ath-bheothachadh. 

Nedil  a'  chogaidh. 

Mu  dha  bhliadhna  an  ama  so,  chuir  an 
Comunn- Aiteachaidh  agus  Comhairlean 
Siorramachdan  na  Gaidhealtachd  agus 
comuinn  eile  buidheann  dhaoine  do  Lunnainn 
a  thagradh  as  leth  earailean  na  Comhairle- 
rannsachaidh  air  beulaibh  nam  Ball- 
Parlamaid  Albannach  agus  Rimaire  na 
Staite  air  son  Alba,  agus  fhuair  iad  an 
deagh-eisdeachd  an  sin.  Gu  mi-fhortanach, 
bha  neoil  cogaidh  a'  cruinneachadh  aig  an 
am  agus  thubhairt  an  Riaghaltas  nach 
b'urrainn  dhaibh  gabhail  ri  uile  earailean  na 
Comhairle  oir  chosdadh  iad  cus  airgid  agus 
feum  air  airgiod  air  son  dion  na  rioghachd. 
Mar  sin,  's  e  gle  bheag  a  gheall  an  Riaghaltas 
a  dheanamh,  agus  eadhon  am  beagan  a 
gheall  iad  cha  d'rinn  iad,  oir  ann  am  mios 
no  dha  thoisich  an  cogadh  a  tha  againn  a  nis, 
agus  bhitheadh  e  coltach  gu'm  feum  ciiisean 
Gaidhealach  feitheamh  ri  la  na  buadha. 

A  thaobh  an  ni  eile  ris  an  do  chuir  an  Comunn 
Aiteachaidh  an  lamh,  's  e  sin,  duilgheadasan 
an  t-sluaigh  aotramachadh,  's  iomadh  oidhirp 
a  rinn  an  Comunn  fo'n  cheann  so.  Bithidh 
daoine  as  gach  cearn  a'  sgriobhadh  a 
dh'ionnsuidh  Riinaire  a'  Chomuinn  a'  gearan 
mu  chion  rathaidean,  agus  mu  chion  iomadh 
ni  eile  a  tha  'n  a  bhacadh  do  obair  agus 
soirbheachadh  nan  Gaidheal.  An  t-iasgach, 
ceitheachan,  faradh  air  bathar,  prisean 
cruidh,  is  chaorach,  is  cloimhe ;  raineach, 
cisean  air  tighean-croite,  obair-dealain,  agus 
moran  chuspairean  eile  aig  am  bheil  bunnt- 
ainneas  ri  cor  na  Gaidhealtachd,  is  trie  na 
gnothuichean  sin  fa  chomhair  a'  Chomuinn, 
is  iomadh  litir  a  sgriobh  an  rimaire  m'an 
timchioll  gu  Comhairlean-riaghlaidh  agus 
gus  an  Ard-Riaghaltas.  Mur  do  rinn  an 
Comunn  uidhir  's  a  bha  iad  a'  rimachadh  a 
dheanamh,  chan  ann  a  chionn  's  nach  d'rinn 
iad  an  dichioll.  Am  fad  's  a  bha  an  Exhibi- 
tion fosgailte  an  Glaschu  an  1938,  bha  biith 
aig  a'  Chomunn  an  sin,  a'  reic  clo  is  snath 
air  son  chroitearan,  agus  a'  toirt  aithne  do 


UR-AITEACHADH  NA  GAIDHEALTACHD 


luchd-tadhail  an  Exhibition  mu'n  Ghaidh- 
ealtachd. 

Cion  iaice. 

Ged  a  bha  agus  a  tha  meuran  aig  a' 
Chomunn  aniomadh  aite  's  a'  Ghaidhealtachd 
a  bharrachd  air  na  meuran  mora  an  Glaschu, 
an  Dtm-Eideann,  agus  an  Dim-deagh,  cha 
d'fhuair  an  Comunn  fhathast  an  taic  sin  bho 
na  Gaidheil  ris  an  robh  duil  anns  a'  cheud 
dol-a-mach.  'N  an  robh  e  air  lan-thaic 
f haotainn,  's  maith  a  dh'fhaodadh  barrachd 
adhartais  a  bhi  deanta  anns  na  coig  bliadhna 
mu  dheireadh  ann.an  leasachadh  na  Gaidh- 
ealtachd.  Car  son  nach  d'fhuair  e  barrachd 
taic  chan  abair  mise  an  so,  ged  a  tha  mo 
dheagh  bharail  agam.  Ach  tha  mi  cinnteach 
a  so ;  nach  tig  urachadh  sam  bith  air  a' 
Ghaidhealtachd  mur  an  seas  na  Gaidheil 
comhla  ri  cheile  arm.  an  aon  oidhirp  mhoir, 
agus  mur  an  dean  iad  feum  de'n  Chomunn- 
Aiteachaidh  chum  an  oidhirp  sin  a  dheanamh 
feumaidh  iad  Comunn  air  chor-eigin  eile  a 
chur  air  chois,  agus  car  son  a  rachadh  iad 
do'n  dragh  agus  an  Comunn  so  cheana  ann 
gus  feum  a  dheanamh  dheth  ? 

An  Land  League. 

Chan  'eil  fad  sam  bith  bho  bha  iomradh 
anns  na  duilleagan  so  mu'n  t-seann  Land 
League,  agus  na  laoich  a  rinn  sabaid  air  a 
sgath,  agus  dh'fhaighnichdeadh  a'  cheist, 
ciod  an  t-aobhar  gu'm  bheil  an  sluagh  an 
diugh  leth-choma  no  lan-choma  mu  chor  na 
Gaidhealtachd  an  coimeas  ri  sluagh  laithean 
na    Land    League  ?  Agus    thugadh    mar 

fhreagairt  nach  'eil  gearan  aca  a  nis,  agus 
nach'eil  foirneart  air  a  dheanamh  orra  mar 
anns  na  laithean  ud.  Aontaichidh  mi  nach'eil 
ctiisean  idir  idir  cho  doirbh  an  diugh  's  a  bha 
iad  aig  an  am  ud.  Ach  a  reir  mo  bheachd-sa, 
an  aite  a  bhi  coimeas  nithean  mar  a  tha  iad 
ri  nithean  mar  a  bha  iad  o  shean,  is  coir  a  bhi 
coimeas  nithean  mar  a  tha  iad  ri  nithean 
mar  bu  choir  dhaibh  a  bhi,  agus  mar  a 
dh'fhaodadh  iad  a  bhi  na'n  robh  ceartas  air 
a  chleachdadh.  Coma  gu  de  an  leasachadh 
a  nithear  anns  a'  Ghaidhealtachd,  bithidh 
aireamh  Ghaidheal  ann  nach  bi  deonach 
fuireach  aig  an  tigh  ach  a  thogas  orra  gu 
aitean  cein,  agus  tha  a  chead  aca  ma  's  e  sin 
am  miann.  Ach  tha  moran  eile  de  Ghaidheil 
leis  am  b'fhearr  fuireach  'n  an  dtithaich  fein. 
'S  trie  a  bhitheas  daoine  a'  bruidhinn  mu'n 
aite  agus  mu'n  inbhe  a  tha  Gaidheil  a' 
cosnadh  dhaibh  fhein  an  taobh  a  mach  do'n 
Ghaidhealtachd.  Feumar  smaoineachadh 
cuideachd  air  na  Gaidheil  a  fhuair  a  mach 
ro  anmoch  nach  e  cabhsair  oir  a  tha  ann  an 
cabhsair  nan  Gall  ach  cabhsair  fuar  cloiche. 
Chan'eil  iad  idir  tearc  ann  an  cuiltean  aeus 


ctil-shi"aidean  nam  bailtean  Gallda  aig  am 
bheil  full  mhath  Ghaidhealach  'n  an  cuislean, 
agus  gun  dad  eile  Gaidhealach  mu'n  timchioU 
a  nis  ach  an  ainm,  a'  tighinn  beo  ann  am 
bochdainn  na's  goirte  na  gheibhear  air  a' 
Ghaidhealtachd,  le  droch  thighean  air 
bheagan  airneis,  air  an  droch  bhiadhadh  agus 
air  an  droch  chomhdach,  agus  an  clann  ag 
eirigh  suas  chan  ann  mar  Ghaidheil  ach  mar 
Ghoill.  Is  motha  gu  mor  a  bhitheadh  aca 
sin  de  shonas  is  de  shlainte  'n  an  robh  aca 
bothan  beag  fo  sgail  nan  creag  's  an  tir  mu 
thuath  a  dh'fhag  iad  fhein  no  am  parantan. 

Airgiod  na  rioghachd. 

Tha  feadhainn  ann  a  tha  'g  a  shaoilsinn  'n 
a  aobhar-naire  gu'm  bitheadh  neach  ag 
iarraidh  air  an  Riaghaltas  barrachd  de  airgiod 
na  rioghachd  a  chosd  's  a'  Ghaidhealtachd. 
'N  am  bheachd-sa  's  e  aobhar-naire  as  motha 
a  tha  ann  gu'm  bheil  uidhir  de  airgiod  na 
rioghachd  air  a  chosd  air  iomadh  tir  is 
rioghachd  eile  agus  cho  beag  air  a  thoirt 
do'n  Ghaidhealtachd.  Tri  bliadhna  air  ais 
bha  faisg  air  deich  muillean  fichead  punnd 
(£30,000,000)  an  deidh  a  thoirt  mar  chuid- 
eachadh  leis  an  Riaghaltas  againne  do 
Austria,  Belgium,  Belgian  Congo,  Poland, 
Rumania,  lugo-slavia,  agus  Estonia.  Thugadh 
deich  muillean  do  Czecho-slovakia,  coig 
muillean  do  Tanganika,  tri  muillean  do 
Niasa-land,  seachd  muillean  deug  do  New- 
foundland. Ma  's  urrainn  an  rioghachd  so 
airgiod  mar  sin  a  thoirt  do  dhuthchannan 
eile  gus  an  cur  air  an  casan,  nach  cubhaidh 
dhaibh  suim  a  thoirt  do'n  Ghaidhealtachd,  a 
chuidicheas  ann  an  ath-bheothachadh  na 
diithcha.  Chan'eil  feum  ann  an  airgiod  mur 
teid  feum  a  dheanamh  dheth,  agus  chan 
urrainear  a  chur  gu  feum  na's  fhearr  na  a 
chosd  aim  an  doighean  a  bheir  cothrom- 
cosnaidh  do  dhaoine  ann  an  tomhas  de 
chomhfhurtachd  agus  leis  na  goireasan  sin 
a  tha  feumail. 

Feum  na  rioghachd. 

Ged  is  mor  an  cuideachadh  a  tha  a' 
Ghaidhealtachd  a'  toirt  do'n  rioghachd  an 
diugh  ann  an  la  na  h-eiginn,  bhitheadh  an 
cuideachadh  sin  fada  na's  motha  'n  an  robh 
a'  Ghaidhealtachd  air  ceartas  f haotainn  anns 
na  fichead  bliadhna  mu  dheireadh.  Bhitheadh 
barrachd  cruidh  is  chaorach,  barrachd  bidh, 
barrachd  sluaigh  ann  an  diugh,  agus  cha 
bhitheadh  uidhir  glaodhaich  air  son  garaidh- 
ean  beaga  suarach  nam  bailtean  mora  a 
thionndadh  air  eagal  an  acrais. 

'N  a  ruintean  agus  'n  a  dhoighean  faodaidh 
Comunn-Aiteachaidh  na  Gaidhealtachd  a 
bhi  fada  am  mearaehd,  ach  ma  tha,  cluinn- 
eamaid  iomradh  gun  dail  air  ruintean  agus 
doighean  as  fhearr. 


Cumhachd  an  Fhacail 


Leis  an  Urramach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  C ill-mo -naomhaig. 


ANN  am  measg  gach  rusgadh  agus  foillseach- 
aidh  a  tha  an  cogadh  so  air  a  dheanamh, 
tha  bull  an  Fhacail,  biodh  e  fior  no  fallsa, 
thairis  air  inntinnibh  an  t-sluaigh,  air  a 
nochdadh  mar  nach  robh  e  riamh  roimhe. 
Co  air  bith  d'am  b'abhaist  a  bhi  ri  t air  air  an 
Fhacal  ann  an  coimeas  ri  Gniomh,  ag 
raitima — ■''  Briathran,  briathran,  briathran 
gun  sta,"  thigeadh  dha  an  diugh  a  bheachd 
a  cheasnachadh  gu  geur.  Gim  teagamh  tha 
e  fior  gu  bheil  moran  bruidhne  air  bheagan 
brigh  'g  a  h-iomairt  an  comhnuidh  am  measg 
dhaoine,  ach  air  a  shon  sin  uile,  is  iongantach 
an  cumhachd  a  tha  ann  an  aon  fhacal 
coibhneil,  no  nimheil,  no  tamailteach,  gu 
bhi  a'  beannachadh  no  a'  mallachadh. 

Tha  sinn  uile  mothachail  an  diugh  mar 
tha  am  Facal  'g  a  chleachdadh  mar  inneal- 
cogaidh  air  an  da  thaobh  anns  a'  chomh-stri. 
Is  fada  bho  na  thuig  Cinn-feadhna  na 
namhaid  gu  bheil  neart  sluaigh  ag  eirigh  gu 
sonruichte  as  a'  ghne  spioraid  d'am  bheil  lad ; 
as  a'  chreidimh  a  tha  beo  annta ;  as  na 
prionnspalan  riaghlaidh  a  tha  priseil  dhaibh ; 
agus  as  na  cleachdaidhean  agus  na  sochairean 
air  am  bheil  iad  a'  cur  meas.  Ann  an 
toiseach  an  cursa  thuig  iadsan  gle  mhath 
gur  ann  leis  an  Fhacal  a  mhain  a  ruigeadh  iad 
inntinnean,  agus  a  bhrosnaicheadh  iad  fair- 
eachduinean  agus  spioradan  an  t-sluaigh, 
agus  a  theagaisgeadh  iad  dhaibh  am  beachdan 
baoth  fein.  Mar  sin,  lion  iad  an  duthaich  le 
guth  an  t-searmonaiche ;  ghlac  iad  gach 
paipear-naidheachd,  agus  gach  inneal  craobli- 
sgaoilidh  air  son  gu'n  cumadh  iad  beachdan 
an  t-sluaigh  a  reir  an  iarrtuis  fein;  a' 
frithealadh  dhaibh  aig  aon  am  firinn,  aig 
am  eile  breige,  agus  boilich  an  comhnuidh ; 
agus  le  curam  mor  a'  cumail  bhuatha  gach 
eolais,  gach  naidheachd,  agus  gach  beachd 
nach  freagradh  air  an  gnothuch.  B' 
ainneamh  an  t-seachduin  nach  cluinnte 
glaodh  cruaidh  fir-eigin  de'n  curaidhean 
mora  feadh  na  tire,  gus  mu  dheireadh  an  do 
thosd  gach  guth  caomh  innte  gu  buileach. 
Ged  nach  b'ann  le  eifeachd  an  Fhacail  a 
mhain  a  fhuair  an  droch  bhuidheann  ud  ann 
an  iighdarras,  tha  e  soilleir  gu'm  b'ann  leis 
a  dh'ullaicheadh  an  slighe,  a'  deanamh  an 
t-sluaigh,  agus  gu  sonruichte  n'a  h-6igridh, 
fabharach  dhaibh,  agus  toileach  an  leantuinn. 

A'  chrioch  a  bha  aca. 

Fad  nam  bliadhnachan  bho'n  am  sin  gus 
a  nis,  bha  iadsan  a'  cleachdadh  an  Fhacail 


air  son  da  aobhair,  am  beachdan  fein  a 
sparradh  air  an  t-sluagh  mar  na  h-aona 
bheachdan  a  tha  ceart,  uasal,  agus  freagarr- 
ach  air  Gearmailtich ;  agus  na  rioghachdan 
mu'n  cuairt  orra  a  mhealladh  gus  am 
bitheadh  iadsan  deas  gu  leum  orra.  Fhuaii' 
iad  soirbheachadh  nach  bu  bheag  anns  an 
da  rim  sin.  O'n  a  thoisich  iad  air  cogadh, 
tha  iad  a'  deanamh  gach  feuma  as  aithne 
dhaibh  do'n  Fhacal,  a'  glorachadh  an 
euchdan  fein,  a'  di-moladh  euchdan  chaich, 
a'  brosnuchadh  an  sluaigh  bho  am,  gu  am,  a' 
cur  toinneamh  anns  gach^Jnaidheachd  'n  am 
fabhar  fein,  agus  a'  craobh-sgaoileadh 
fhiosana  agus  sgeulachdan  mealltach  feadh 
an  t-saoghail ;  oir  tha  a'  bhreug  cho  deas  led 
ris  an  fhirinn,  ma  shaoileas  iad  gu'n  cuidich 
i  an  aobhar.  A  thuilleadh  air  a  sin. uile,  tha 
iad  gun  sgur  a'  feuchainn  ri  spiorad  an 
t-sluaigh  againne  a  lagachadh ;  aig  am  a' 
bagradh  an  uamhais  a  tha  air  thoiseach 
oirnn ;  aig  am  a'  deanamh  tair  air  an 
t-saorsa  a  tha  cho  priseil  dhuinn;  aig  am  a' 
magadh  air  na  f ir-staide  againn ;  agus  aig 
am  a'  reusonachadh  cho  ceart  is  a  tha  e 
dhaibh-san  a  bhi  a'  sgrios  an  coimhearsnach, 
agus  cho  cearr  is  a  tha  e  dhuinne  a  bhi  a' 
cur  bacaidh  orra. 

'N  ar  duthaich  fh^in. 

Seallamaid  a  nis  air  eifeachd  an  Fhacail 
ann  ar  duthaich  fein.  Cha  robh  cinn- 
riaghlaidh  ar  sluaigh-ne  a'  deanamh  a  bheag 
de  fheum  de'n  inneal  iongantaich  so.  Gun 
teagamh  cha  robh  iadsan  an  geall  air  an 
sluagh  fein  a  chur  fo  gheasaibh  agus  sloigh 
eile  a  chur  fo'n  casaibh.  Mar  sin,  cha  robh 
an  guth  ach  ainneamh  ri  chluinntinn  's  an 
tir.  Ach  o'n  a  bhris  an  cogadh  a  mach  tha 
caochladh  mor  againne;  thainig  am  Facal 
beo  anns  an  dtithaich  so  mar  nach  robh  e 
fad  ghinealacha.  Gu  sonruichte,  o'n  dh'eirich 
Winston  Churchill  gu  ard-ughdarras,  thainig 
cumhachd  an  Fhacail  le  eifeachd  nuaidh, 
chan  ann  a  mhain  d'ar  n-ionnsuidh-ne  anns 
an  dtithaich  so,  ach  air  feadh  an  t-saoghail 
fharsuing.  Cha  chualas  fuaim  na  trompaid 
ann  an  oraidean  fir-Staide  Shasunnaich  o 
chionn  ghinealacha  gus  a  nis ;  ach  cha 
chualas  riamh  idir  i  leis  an  t-saoghal  uile, 
mar  a  chluinnear  a  nis  i.  Air  son  mo  chuid 
fein  dheth,  saoilidh  mi  gu  bheil  mi  beo  ann 
an  saoghal  nuadh;  agus  gu'n  do  dhiiisg  an 
sluagh  anns  gach  cearn  de'n  duthaich  mar  a 
leth-chadal  bruailleanach  anns  an  cluinnte 


CUMHACHD  AN  FHACAIL. 


guthanna  molach,  fann,  'g  am  breugadh  le 
geallaidhean  fallsa.  An  diugh  tha  ard- 
mhinistear  a'  Chruin  a'  gairm  air  na  h-uile 
aig  am  bheil  creideamh  ann  an  lagh  siorruidh 
na  fireantachd  agus  na  saorsa  mar  ordugh 
an  De  bheo  do  chlann  nan  daoine,  gu  cogadh 
le'n  uile  neart  agus  dhanarrachd  gus  am  bris 
iad  cridhe  nam  foirneartach,  agus  an  cnamh 
an  cumhachd  breun,  agus  an  oibrichean 
aingidh,  ann  an  teine  dian-loisgeach.  Sin 
agaibh  duine  d'an  aithne  a  ghnothuch  a' 
labhairt  mu  dheireadh ;  a'  labhairt  facail  a 
tha  ag  eirigh  'n  a  inntinn  o  riaghailt 
shiorruidh  an  Uile-chumhachdaich ;  agus 
do  bhrigh  sin,  tha  coguisean  dhaoine 
feadh  an  domhain  gu  leir  a'  togail 
fianuis  dha,  tha  sluagh  Bhreatuinn  air  an 
aonachadh  gu  h-eifeachdach,  agus  air  an 
neartachadh  gu  cumhachdach  'n  an  spiorad. 

Anns  an  Eaglais. 

Ach  tha  so  uile  a'  ceangal  gu  dluth  ri 
gnothuch  na  h-Eaglais,  agus  gu  sonruichte 
ri  gnothuch  an  t-searmonaiche.  Is  ionghnadh 
mor  leam  cho  ainneamh  an  diugh  is  a  tha 
ministeirean  a  tha  ainmeil  mar  shearmon- 
aichean.  Cha  b'ann  mar  sin  a  bha  mu  dha 
fhichead  bliadhna  air  ais,  gun  dol  ni's  fhaide 
an  aghaidh  an  t-srutha ;  bha  na  ficheadan 
de'n  t-seorsa  ri'n  cunntas  air  son  gach  dithis 
an  drasda.  Chan  'eil  mi  idir  a'  ciallachadh 
dhaoine  fuaimneach,  sgeilmeil,  Ian  bhriathran 
ach  air  bheagan  brigh  anns  na  theireadh  iad ; 
cha  mho  a  tha  mi  a'  cuimhneachadh  air  an 
t-seorsa  a  thairngeadh  sluagh  le  naidheachdan 
eibhinn,  bearradaireachd,  no  neonachas  eile ; 
is  ann  a  tha  mi  a'  faicinn  anns  an  astar 
cruthan  fheara  a  bha  cumhachdach  anns  an 
Fhirinn  dhomhain,  fharsuing,  mhaiseach,  aig 
am  bheil  gnothuch  ri  spiorad  gach  duine. 
Air  an  toiseach  chuirinn  Iain  Caird ;  agus  'n 
am  measg  bha  Alasdair  Whyte,  Iain  Watson, 
Alasdair  Connell,  loseph  Parker,  Alasdair 
MacLabhrainn,  J.  H.  Jowett,  J.  C.  Moberley, 
Tearlach  Gore,  Scott  Holland,  agus  moran 
eile.  C  aite  an  cluinnear  an  leithidean  an 
diugh  ?  Theirear    mar    fhuasgladh   gu'n 

d'atharraich  spiorad  na  h-aimsire,  agus  nach 
'eil  sluagh  an  latha  'n  diugh  a'  gabhail 
suime  do  na  ceistean  agus  do  na  ciiisean 
spioradail  anns  an  robh  an  athraichean  a' 
gabhail  tlachd.  Faodaidh  sin  a  bhi  fior  ann 
an  tomhas,  ach  fhathast,  tha  facal  Dhe 
siorruidh ;  tha  buintealas  nach  gabh  briseadh 
aige  ri  inntinn  an  duine,  agus  tha  gnothuch 
nach  gabh  seachnadh  aige  ri  beatha  gach 
duine ;  tha  prionnspalan  lagha  Dhe  maireann- 
ach,  neo-chaochlaideach ;  agus  tha  daoine 
am  bitheantas  mothachail  gu  bheil  gnothuch 


aca  riu.  Air  an  aobhar  sin,  shaoilinn-sa 
gu'm  bu  choir  gu  'm  faigheadh  ministear  a 
tha  comasach  anns  an  Fhacal  shiorruidh,  a 
tha  dheth  fein  "  beo  agus  cumhachdach,  agus 
na's  geire  na  claidheamh  da  fhaobhair  " 
eisdeachd,  agus  aire,  agus  ainm,  chan  ann 
air  a  shon  fein,  no  air  tailleamh  a  thalantan, 
ach  air  tailleamh  neirt  agus  talaidh  agus 
greimeachaidh  na  firinn  a  tha  e  a'  laimhs- 
eachadh. 

Cothrom  an  t-searmonaiche. 

Tha  cuid  ann  a  bhitheas  ri  dimeas  air 
searmonachadh  an  coimeas  ri  aoradh,  ri 
frithealadh  air  sacramaid,  agus  gach  tadhal 
thighean  agus  goireasachd  eile  a  tha  an 
crochadh  ri  dreuchd  ministeir.  Tha  fhios 
nach  coir  ni  a  dhearmad  a  chuidicheas  an 
deadh  aobhar ;  ach  tha  mealladh  mor 
orrasan  a  bheir  aite  suarach  do'n  Fhacal, 
agus  nach  dean  gach  ullachadh  air  son 
'fhirinnean,  a  phrionnspalan,  agus  a  gheall- 
ana  luachmhor  fhoillseachadh,  agus  an 
cumail  fa  chomhair  fheumanna  an  t-sluaigh. 
An  diugh,  tha  an  saoghal  fein  a'  tuigsinn 
ann  an  cuid  gur  e  bhi  a'  deanamh  fochaid  air 
lagh  siorruidh  Dhe  a  tha  an  deidh  dioghaltais 
theintich  a  tharruing  air  an  Eorpa ;  agus 
tha  e  soilleir  gu'm  feum  foirneartaich  fearg 
agus  truaighe  fhulang,  c6  air  bith  eile  a 
bhitheas  air  an  smachdachadh  aig  a'  cheart 
am.  ISTach  'eil  cothrom  mor  an  so  do'n 
t-searmonaiche,  a  ghabhas  iiine  agus  dragh 
ri  priomh  shaothair  a  dhreuchda  ? 

Facal  an  De  bheo. 

Agus  c'  aite  am  faighear  na  prionnspalan 
air  an  togar  beatha  chumanta  na  h-E6rpa 
as  tir  ?  Mur  faighear  iad  ann  am  Facal  an 
De  bheo,  agus  a  mhaireas  gu  siorruidh 
faodaidh  sinn  oidhirp  nan  Gearmailteach 
bhreuna  a  bhriseadh,  agus  ar  duthaich  agus 
ar  doighean  a  shabhaladh  tacan  eile,  ach  cha 
bhuidhinn  sinn  ard  aobhar  ar  oomhraig. 
Mar  sin,  thigeadh  e  do  gach  ministear 
misneach  mhath  a  ghabhail,  ged  a  tha  an 
aimsir  searbh,  agus  am  Facal  a  chleachdadh 
le  danachd,  an  deidh  gach  breithneachaidh 
agus  ullachaidh  is  aithne  dha  a  dheanamh ; 
oir  anns  an  Fhacal  a  mhain  gheibhear 
reachd  siorruidh  na  Cruitheachd,  toil  agus 
gras  Dhe  do  na  h-uile,  riaghailtean  glana  na 
firinn  agus  na  fireantachd,  agus  geallaidhean 
cinnteach  Dhe.  Cha  phill  am  Facal,  a  tha 
air  a  dheasachadh  agus  air  a  liubhairt  ann  an 
treibhdhireas  gun  tairbhe ;  comhlionaidh  e 
an  gnothuch  air  son  an  do  chuireadh  a 
mach  e. 


Am  measg  nan  Se61adairean 

Leis  an  Urramach  Ddmhnull  Mac  Leoid,  M.A.,  Gill  Mhoire,  an  Uidhist  a  Tuath. 


CHAIDH  iomradh  a  thoirt  anns  na 
duilleagan  so  mar  tha  air  a'chordadh  a  tha 
eadar  Eaglais  na  h-Alba  agus  an  Eaglais 
Shaoir  a  thaobh  a  bhi  a'  cur  mhinistearan  a 
dh'ionnsuidh  luchd  na  Gaidhlig  anns  na 
puirt-mhara  mu  dheas.  'S  e  ceum  uasal 
agus  ceum  cuimhneachail  a  tha  'n  so ;  uasal, 
do  bhrigh  's  gu'n  robh  na  h-Eaglaisean  a' 
cur  meas  air  saothair  agus  seirbhis  nan 
gillean  a  dh'fhag  a'  Ghaidhealtachd  air  son  a' 
chogaidh;  cuimkneachail  do  bhrigh  's  nach 
fheumte  dear  mad  a  dheanamh  air  cor 
spioradail  nam  feadhnach  ud,  ach  a  bhi 
nochdadh  curaim  agus  baigh  dhaibh  le  bhi 
dol  'n  an  deidh  agus  thuca  ann  an  cainnt  am 
mathar  a  dh'fhoghhiim  iad  6g. 

Trath  air  feasgar  grianach  am  mios 
meadhonach  an  t-Samhraidh,  ma  ta,  rainig 
mise  mo  cheann-uidhe.  Dh'fhag  mi  mach- 
raichean  boidheach  agus  srathan  samhach 
am  dheidh,  ach  bi'n  fhailte  fhuair  mi  air  mo 
ruigheachd  buirein  feachdan-adhair  nan  Gear- 
mailteach  os  mo  chionn.  Dh'fhas  am  fuaim 
so  cumanta  gu  leor  dhomh  anns  na  laithean 
agus  na  h-oidhcheanan  a  lean ;  mu  dheireadh 
cha  shaoilinn  a  bheag  de'n  upraid  a  bha  ann. 

Ministear  coir. 

B'e  mo  cheud  ghnothach  eolas  a  chur  air 
a'  Mhinistear  a  bha  gu  cuideachadh  mor  a 
thoirt  dhomh  'n  am  chuairt  's  a'  bhaile. 
Bhuineadh  e  do'n  Eaglais  Choimhthionalach, 
agus  ged  a  bha  mise  aineolach  air,  dh'aithnich 
mi  gu'm  b'fhior  Chriosduidh  agus  caraid 
seasmhach  e.  Thadhaill  esan  agam  air 
maduinn  na  Sabaid,  agus  thug  e  sios  mi  do 
na  barracs  far  an  robh  mi  dol  a  choinneach- 
adh  nan  Gaidheal. 

A  nis,  b'e  an  t-aite  coinnimh  a  bha  againn 
talla  fada  a  bha  air  ciil  oifis  an  Urramaich 
choir  so.  Bha  an  talla  rudeigin  fosgailte  do 
sheoladairean  eile,  ach  ri  uine  chaidh  an 
suidheachadh  so  a  leasachadh.  Fhuair  sinn 
ciiirtein  gorm,  agus  chrochadh  e  bho  thaobh 
gu  taobh  de'n  talla;  bha  sinne  air  taobh 
shuas  na  brat-roinn  so,  far  nach  robh  aig 
duine  ri  dragh  a  chur  oirnn.  B'e  sud  aite 
nan  Gaidheal  tuilleadh. 

Air  a'  mhaduinn  so,  ma  ta,  thachair  sinn 
air  a  cheile  air  son  na  ceud  uaire,  sealladh 
aoibhneach  a  bha  ann  gillean  tapaidh,  fallan, 
slan,  ag  eisdeachd  na  firinn  le  diirachd. 
Chuir  mi  eolas  air  luchd-urnuigh  agus  seinn, 
agus  da  rireadh  bha  sgioba  gasda  cruinn 
dhiubh.  Shuidhicheadh  da  sheirbhis  air 
son  gach  Sabaid,  aig  uair  a  fhreagradh  air 


a'  mhor-chuid^  agus  mu  cheithir  coinneamhan 
urnuigh  troimh  an  t-seachduinn. 

A  nis,  cha  robh  an  t-6rdugh  so  air  a 
chumail  gu  cunbhallach,  neo-bhristeach  idir. 
Bhiodh  na  Gearmailtich  a'  cur  dragh  oirnn, 
agus  na  h-uile  uair  a  thigeadh  na  sgiathalain 
aca  do'r  coimhearsnachd  dh'fheumadh  sinn 
uile  dol  fo  dhion.  Mar  a  thuigeas  sibh, 
bhriseadh  so  an  t-seirbhis  gu  am  eile.  Gidh- 
eadh  so,  chaidh  na  seirbhisean  air  adhart, 
neo-ar-thaing  do  Hitler. 

A'  falbh  's  a'  tighinn. 

An  iiine  ghoirid  fhuair  mi  mach  nach 
biodh  an  aon  choimhthional  agam  daonnan 
idir.  i\.ig  an  am  's  an  robh  mise  an  Sasunn 
bha  eagal  air  an  rioghachd  gu'n  toireadh  an 
Gearmailteach  ionnsuidh  air  eileanan 
Bhreatuinn.  Mar  sin,  bhatar  a'  deanamh 
ullachaidh  dian  thall  's  a  bhos,  agus  bha 
buaidh  aig  so  air  luchd  tadhaill  nam  port. 
Dh'fhaodadh  aireamh  mhor  ghillean  a  bhi  's 
na  barracs  an  diugh,  agus  am  maireach  iad 
air  an  atharrachadh  gu  aite  eile.  'S  e  luchd- 
tighinn  is  falbh  a  bha  annta.  Dh'aobharaich 
so  gu'n  robh  mi  a'  faotainn  eolais  air  barrachd 
Ghaidheal    bho    sheachduin    gu    seachduin. 

Bha  sluagh  na  dachaidh  anabarrach 
cuimhneachail  air  na  seoladairean.  Fhuaradh 
tiodhlacan  aodaich  bho  na  h-Eaglaisean  a 
Dun-eideann;  chuir  comunn  a  Glaschu 
bocsa  mor  Ian  thugainn,  agus  bu  mhaiseach 
na  Tiomnaidh  Nuaidh  a  chuir  Comunn- 
Bhiobuill  Diithchail  na  h-Alba  'g  ar  n- 
ionnsuidh.  Cha  b'ann  coma-co-dhiubh  a 
ghabhadh  ris  na  tiodhlacan  so,  oir  bha  Ian 
taingealachd  an  cridhe  gach  fir  a  fhuair  a 
chuibhrionn  dhligheach  fhein. 

0  bhaile  gu  baile. 

Cha  robh  m'obair  air  a  buileachadh  air  an 
aon  bhaile  idir;  bha  mi  air  mo  chuairt 
cuideachd  am  baile-puirt  eile  air  taobh  an 
ear  Shasuinn.  'Nuair  a  rainig  mi  an  oifis, 
a  bha  air  a  roinn  eadar  ministear  Eaglais  na 
h-Alba  agus  ministear  na  h-Eaglais  Shasunn- 
aich,  chunnaic  mi  air  a'  bhalla,  mu  choinn- 
eamh  an  doruis,  cairt  mhor  agus  an  sgriobh- 
adh  so  gu  soilleir  oirre :  "  Ma  tha  Gaidhlig 
agad,  innis  dhuinn  e."  Chitheadh  a  h-uile 
duine  sud  'n  uair  a  thigeadh  e  steach  agus 
bha  gu  leor  a'  tadhall  air  son  stocainean, 
miotagan,  comhdach-cinn,  agus  an  leithide 
sin.  'Nuair  a  dh'innseadh  an  Gaidheal  c6  e, 
gheibheadh  e  Tiomnadh  Nuadh,  leabhar  beag 
laoidhean,  agus  litreachas  Gaidhlig  eile. 


AM  MEASG  NAN  SEOLADAIREAN— INNTINN  THOILICHTE 


Luchd-aiteachaidh  Mhesopotamia. 

Tha  cuimhne  agam  aon  oidhche  agus  bha 
na  gillean  Albannach  iiile  cruinn  ann  an 
talla  air  son  cupan  tea  agus  ceilidh.  Bha  iad 
ann  a  ceithir  chearnan  na  h-Alba,  eadar 
eileanan    agus    tir-mor.  Thachair    orm 

gillean  a  Earra-Ghaidheal  aig  an  robh 
cairdean  'n  am  choimhthional  f  hein ;  bha 
feadhainn  ann  a  Glascho  a  dh'aithnichinn  'n 
uair  a  bha  mi  's  a'  Chollaisde,  agus  bha 
Leodhasach  gasda  ann  a  thachair  orm  aig 
Comanachadh  an  Ceann  Loch.  Bha  ar 
comunn  air  a  shailleadh  le  cairdeas  agus 
coibhneas :  shaoileadh  tu  gu'n  robh  Alba 
air  a  cruinneachadh  a  dh'aon  aite. 
Chriochnaicheadh  an  oidhche  le  aoradh, 
leughadh,  seinn,  agus  urnuigh.  Agus  le  sin 
dh'fhalbh  gach  neach  gu  aite  fein. 

Aig  an  am  so  chunnaic  mi  gu'n  robh  dith 
shonraichte  air  gillean  an  Eilean  Fhada. 
Bha  each  uile  a'  faotainn  phaipearan  naidh- 
eachd  bho'n  dachaidhean  agus  an  dluth- 
choimhearsnachd  fein.  "  Bu  toigh  leinne," 
arsa  fear,  "  paipear  a  bhi  againn  a  dh'inns- 
eadh  dhuinn  de  tha  tachairt  aig  an  tigh." 
Gheall  mise  paipear  dhaibh ;  sgriobh  mi  gu 
ministear  an  Leodhas,  agus  tha  esan  riamh 
fhathast  gu  toileach  deonach  a'  cur  paipear 


Steornabhagh  a  dh'ionnsuidh  nan  gillean  's 
a'  phort-mara  so.  Is  airidh  iad  air  gach  uile 
choibhneas,  agus  tha  sinn  an  comain  nan 
uile  a  nochdas  sin  dhaibh. 

Daoine  misneachail. 

Ciod  mu  dheidhinn  cunnartan  agus 
gabhaidhean  nan  Gaidheal  so  ?  Ciamar  a 
ghluaiseadh  siad  iad  fein  annta  ?  Fhuair  mi 
mach  gle  luath,  tre  chomhradh  pearsanta, 
ciamar  a  sheasadh  iad  aig  am  deuchainneach. 
Bha  iad  uile,  na  chunnaic  mise  dhiubh,  a' 
cur  earbsa  an  Dia ;  bha  so  a'  toirt  neart, 
seasmhachd  agus  misneach  do'n  cridhe. 
Nach  bu  chiatach  am  freagradh  a  thug 
seoladair  araidh  orm^ — ■"  Rachadh  mo  mhisn- 
each  uile  air  ciil,  mur  creidinn  maitheas 
Dhe."  Bha  na  gillean  Gaidhealach,  maille  ri 
muinntir  eile,  a'  dol  troimh  theine  agus 
uisge.  'Nuair  a  dh'fhag  mi  slan  leo,  bha  mi 
ag  ilrnuigh  le  m'uile  chridhe  gu'm  biodh  Dia 
do  gach  neach  aca  mar  a  gheall  E  am  beul 
Isaiah  :  "  An  uair  a  shiubhlas  tu  troimh  na 
h-uisgeachan  bithidh  mise  maille  riut ;  agus 
troimh  na  h-aimhnichibh  cha  tig  iad  tharad ; 
an  uair  a  dh'imicheas  tu  troimh  an  teine  cha 
loisgear  thvi,  agus  cha  dean  an  lasair  greim 
ort." 


Inntinn  thoilichte 


BHA  an  litir  so  air  a  sgriobhadh  le 
seann  duine  araidh  beagan  m'an  do  shiubhail 
e,  "  Tha  mi  nis  air  an  leabaidh  daonnan, 
gun  chomas  eirigh,  ach  tha  mi  toilichte  a 
chluinntiun  gu  bheil  obair  an  Tighearna  a' 
soirbheachadh.  Tha  mi  air  mo  phianadh  le 
loinidh,  'n  am  lamhan  agus  'n  am  chasan, 
ach  ged  bhios  mo  chridhe  air  uairean  a 
leaghadh  mar  cheir,  tha  mile  aobhar  agam 
a  bhi  moladh  an  Tighearna.  Tha  mo 
bhuadhan  a'  fas  mall,  mo  leirsinn  agus  mo 
chlaisteachd,  ach  cha  bhi  moran  feum  agam 
orra  arms  an  t-saoghal  so  tuilleadh,  is  tha 
dochas  agam  anns  an  t-saoghal  eile  gu'm  bi 


suilean  nan  dall  agus  cluasan  nam  bodhar 
air  am  fosgladh.  Tha  mi  toilichte  a  chluinn- 
tinn  gu  bheil  seann  daoine  air  an  cuimhneach- 
adh  ann  an  eadar-ghuidhe  a'  choimhthionail 
a  h-uile  Sabaid;  is  mor  a'  chomhfhurtachd 
sin,  gu'm  biodh  an  oigridh  a'  cuideachadh 
sheann  daoine  le  an  urnuighean." 

Cha  ruig  mi  leas  dad  a  radh  mu'n  fhear 
a  sgriobh  an  litir  so  ach  gu'm  bu  taitneach 
d'a  theaghlach  a  bhi  fuireach  comhla  ri  seann 
duine  cho  toilichte. 

Is  sona  an  sluagh  a  tha  's  an  staid  so, 
Is  sona  an  sluagh  d'an  Dia  an  Tighearna. 


Dun  Mhic  Mhuire 


Alainn  Dim  Mhic  Mhuire, 
An  dim  as  gloine  blath ; 
Aoibhneas  ann  agus  ceol, 
Chan  fhaicear  bron  gu  brath. 

Chan  fhaicear  ann  ceann  crom, 
No  ttiirse  trom  no  cas ; 
Chan  fhaicear  cuis  no  coir' 
Air  aon  neach  ann  gu  brath. 


Do  chitear  ann  do  shior, 
Mor  aoibhneas  righ  nan  gras, 
Do  chitear  sin  'san  dun, 
Soillse  a  mhiichas  smal. 

Tilleamaid  air  ar  n-ais, 
Gu  faic  sinn  righ  nan  gras  ; 
Is  iarr'maid  air  ar  glim, 
Gu  ruig  sinn  'n  dun  as  aill'. 

Duanaire  Diadha. 


Aireamh  6 


1941 


Dearbhachd  spioradail 

(Mar  chaidh  deisciobul  araidh  air  adhart  o  thogradh  laidir  gu  cinnt  spioradail) 

Leis  an  Urramach  Iain  M.  Mac  an  Bothaich,  M.A. 

"  Fhuair  sinne  am  Mesias." — Eoin  1,  41. 


IS  miann  learn  beagan  a  sgriobhadh  anns  na 
duilleagan  so  air  cuspair  mu'm  bheil  iomadh 
neach  aon  chuid  amharusach  no  iomguineach. 
Is  e  an  cuspair  sin  cinnt  spioradail  no  lan- 
dearbhachd  creidimh  agus  dochais. 

Is  mor  ar  sochair  agus  is  cudthromach  ar 
dleasnas  mar  Chriosdaidhean  a  bhi  cinnteach 
air  na.  nithean  a  tha  sinn  a'  creidsinn,  agus 
gu  sonruichte  cinnteach.  air  an  ni  so  gu'm 
bheil  a'  bheatha  mhaireannach  againn  trid 
creideamh  ann  an  iobairt  uile-fhoghainteach 
Mhic  Dh.e ;  agus  gu'm  bheil  an  ceangal 
eadar  Criosd  agus  ar  n-anam  daingean, 
teann,  agus  nach  gabh.  fuasgladh.. 

Is  urrainn  a'  chinnt  spioradail  so  a  bhi 
againn;  is  miann  le  Dia  gu'm  bi  i  againn 
uile ;  agus  chan  urrainn  sith-inntinn  no  f ior 
sholas-cridhe  a  bhi  aig  neach.  sam  bith  gus 
am  bheil  a'  chinnt  spioradail  ann.  Ann  am 
beatha  an  ISTaoimh  Aindreais  tha'n  fhirinn 
so  air  a  dearbhadh.  gu  soilleir.  Air  la  araidh. 
chual  e  Eoin  a'  Bhaistidh  ag  radh: — "  Feuch 
Uan  Dhe  a  tha  a'  toirt  air  falbh  peacaidh.  an 
t-saoghail."  Dhuisg  na  facail  sin  mothachadh 
domhain  agus  togradh  diirachdach  ann  an 
cridhe  an  duine.  Tha  e  air  innseadh  dhuinn 
anns  an  t-Soisgeul  gu'n  do  lean  e  Criosd  gun 
dail,  gu'n  d'fheoraich  e  dheth  i — ■"  A  Mhaigh- 
stir,  c'aite  am  bheil  thu  a'  gabhail  comhnu- 
idh?  "  agus  air  do  losa  freagradh  a  thoirt 
anns  na  briathran;  "  Thig  agus  chi  thu," 
dh'imich  e  maille  ris ;  dh'f  han  e  maille  ris 
an  la  sin,  oir  's  e  feasgar  a  bh'ann,  agus  bu 
mhor  's  bu  phriseil  duals  a  chreidimh,  oir 
mu'n  d'fhag  e  an  Tighearna  rainig  e  Ian- 
dear  bhachd  :  b 'urrainn  da  a  radh  gu  firinn- 
each  an  uair  a  bha  an  co-chomunn  crioch- 
naichte  — "  Fhuair  mise  am  Messiah,"  agus  a 
sin  suas  bha  e  ceangailte  r'a  mhaighstir  iir 
le  cuird  graidh  nach  gabhadh  briseadh. 

Toradh  iomchuidh. 

Uair  is  uair,  cho  fada  's  a  bha  e  'n  a  sgoilear 
fo  theagasg  a  mhaighstir  thalmhaidh,  chual 
e  Eoin  a'  Bhaistidh  a'  searmonachadh  ann 
an  eisdeachd  an  t-sluaigh  ann  am  fasach 
ludea,  ag  radh: — "  Gabhaibh  aithreachas, 
oir  tha  rioghachd  neimh  am  fagus."  .  .  . 
"  Thugaibh  a  mach  toradh  iomchuidh  do'n 
aithreachas.  N"a  smuainichibh  a  radh  annaibb 


fein,  Tha  Abraham  'n  a  athair  againn;  oir 
tha  mi  ag  radh  ruibh  gur  comasach  Dia  air 
clann  a  thogail  suas  do  Abraham  de  na 
clachan  so.  Agus  tha  an  tuagh  cheana  air 
a  cur  ri  bun  nan  craobh ;  uime  sin,  ciod  air 
bith  craobh  nach  toir  a  mach  toradh  maith, 
gearrar  sios  i,  agus  tilgear  anns  an  teine  i. 
Tha  mise  gu  dearbh  'g  'ur  baisteadh  le  uisge 
chum  aithreachais  ;  ach  an  ti  a  tha  a'  teachd 
am  dheidh  is  cumhachdaiche  e  na  mise,  agus 
chan  airidh  mi  air  a  bhrogan  a  ghiiilan: 
baistidh  esan  sibh  leis  an  Spiorad  Naomh, 
agus  le  teine." 

Dh'ionnsaich  Aindreas  mar  so  nach 
gabhadh  Dia  ris  agus  nach  measadh 
E  firinneach  e  do  bhrigh  gu'n  robh  e  a' 
steidheachadh  a  dhochais  air  creideamh 
neach  eile,  eadhon  air  creideamh  Abrahaim, 
athair  nan  creidmheach,  ach  gu'n  gabhadh 
Dia  ris  do  bhrigh  a  chreidimh  fein  a  mhain. 

Fior  aithreachas. 

Dh'ionnsaich  e  cuideachd  gu'm  bheil  Dia 
a'  sireadh  fior-aithreachais  anns  an  duine  a 
thigeadh  beo  a  reir  a  thoile  naoimh,  agus  a 
gheibheadh  aite  'n  a  rioghachd.  Dh'ionnsaich 
e  gu'n  robh  fior-bhron  air  son  peacaidh 
eifeachdach  agus  gu'n  robh  e  feumail,  mu'm 
biodh  e  comasach  air  maitheanas  iarraidh 
anns  an  spiorad  iomchuidh,  agus  mu'm 
biodh  e  ullamh  gu  maitheanas  fhaotainn. 
Uime  sin,  nach  eireadh  an  togradh  ann  an 
cridhe  Aindreais  (agus  nach  durachdach  an 
togradh  a  bhiodh  ann) :— "  Och  nach  robh 
fhios  agam  c'aite  am  faighinn  esan,  neach  is 
e  Slanuighear  an  t-saoghail,  a  bhaisteas  leis 
an  Spiorad  Naomh  agus  le  teine  !  Och  nach 
robh  fhios  agam  c'aite  an  coinnichinn  e, 
chum  agus  gu'n  cluinninn  o  a  bhilean  fein 
naidheachd  bheannaichte  na  slainte  spiorad- 
ail, eadhon  gu'm  bi  mo  pheacaidhean  air  am 
maitheadh  gu  trocaireach,  air  an  glanadh  air 
falbh  gu  tur,  agus  gu'm  bi  m'anam  neo- 
bhasmhor  air  a  shaoradh  !  " 

A  nis,  an  uair  a  bhios  togradh  domhain, 
durachdach  ann  coltach  ri  sin,  faodaidh  sinn 
a  bhi  cinnteach  nach  bi  Criosd  fein  fada  air 
falbh,  seadh,  gu'm  bi  e  dliith  air  laimh, 
ullamh  gu  cuireadh  grasmhor  a  thoirt,  agus 
gu  lan-dearbhachd  creidimh  agus  dochais  a 


DEARBHACHD  SPIORADAIL 


thoirt  dha-san  a  dh'iarras  gu  fior,  a  reir  's 
mar  tha  e  sgriobhta  : — "  larraibh  agus  bheir- 
ear  dhuibh ;  siribh  agus  gheibh  sibh ;  buailibh 
agus  fosgailear  dhuibh." 

'N  a  bheatha  fein  dhearbh  Aindreas  gu'm 
bheil  gealladh  an  Sgriobtuir  air  a  choimh- 
lionadh  gu  cinnteach.  Oir,  mar  a  sgriobh  mi 
cheana,  ghabh  e  gu  toileach  agus  gu  taingeil  ri 
cuireadh  an  t-Slanuigheir,  dh'imich  e  agus 
dh'  fhan  e  maille  ris,  agus  mu'n  d'fhag  e'n 
t-aite  anns  an  robh  Criosd  a'  gabhail  comh- 
nuidh,  bha  maighstir  ur  aige,  agus  a  thuilleadh 
air  sin  bha  cinnt  spioradail  aige  mar  dhuais 
a  mhuinighin  agus  a  chreidimh,  ni  is  e  aon 
de  na  duaisean  as  priseile  is  urrainn  do  neach 
sam  bith  a  shealbhachadh. 

Am  bheil  gach  leughadair  a'  sealbhachadh 
agus  a'  mealtuinn  na  duaise  so  ?  Is  urrainn 
•i  a  bhi  againn  uile.  Leanamaid  eiseimpleir 
Aindreais  agus  cha  tig  sinn  goirid  air  na 
fhuair  esan.  "  Thigibh  agus  chi  sibh," 
"  siribh  agus  gheibh  sibh,"  tha  an  Tighearn 
losa  daonnan  ag  radh  fhathast,  daonnan  a' 
toirt  a'  chuiridh  ghrasmhoir  do  na  h-uile 
leis  am  miann  co-chomunn  a  bhi  aca  maille 
ris ;  agus  iadsan  a  thig  air  mhodh  iomchuidh 
agus  's  an  spiorad  cheart  chan  fhag  iad 
Criosd  iomguineach  'n  an  inntinn  no  amharus- 
ach  mu'n  chuis,  ach  leumaidh  air  am  bilean 
na  facail  a  labhair  an  t-Abstol: — "Fhuair 
sinne  am  Mesias." 

Dochas  gun  dearbhachd. 

Ach  gu  mi-£hortanach  tha  moran  ann 
agus  is  e  am  miann  as  airde  Dia  a  ghlorachadh 
'n  an  caitheamh-beatha  agus  seirbhis  a 
dheanamh  gu  dileas  do  Chriosd  agus  d'an 
co-chreutairean,  gidheadh,  an  uair  a  dh'fheor- 
aicheas  neach  dhiubh  an  d'fhuair  iad  Criosd 
air  an  son  fein,  tha  eagal  orra  briathran  an 
Abstoil  a  labhairt.  Mar  eiseimpleir,  bha 
dithis  fhear  a  b'aithne  dhomh  gu  math  a' 
coiseachd  taobh  ri  taobh  a  dhlionnsuidh 
ait-adhlaic  nam  marbh,  agus  mar  dh'fhalbh 
iad  gu  mall  air  an  adhart  b'e  cuspair  an 
comhraidh  lan-dearbhachd  creidimh. 

"  An  urrainn  duit  a  radh  gu'n  d'fhuair  thu 
Criosd  ?  "  dh'fheoraich  a  h-aon  diubh.  Am 
bheil  thu  cinnteach  gu'm  bheil  a'  bheatha 
mhaireannach  agad  trid  creidimh  ?  Am 
bheil  lan-dearbhachd  creidimh  agad  ?  "  Fhre- 
agair  a  charaid  e : — "  Nach  mi  a  bhiodh 
taingeil  agus  toilichte  na'm  bithinn  comasach 
air  facail  an  Abstoil  a  ghnathachadh  gun 
teagamh,  agus  a  radh  gu'n  d'fhuair  mi  an 
Slanuighear  gu  cinnteach.  Ach  cha  do  rainig 
mi  cinnt  fhathast,  gidheadh,  tha  mi'n 
dochas." 

Nach  lionmhor  iad  air  an  la'n  diugh  nach 
'eil  a'  dol  na's  fhaide  na'n  duine  sin  ?    Tha 


dochas  aca  a  mhain ;  chan  'eil  lan-dearbhachd 
ann.  Ciod  is  aobhar  do  sin  ?  Tha  caochladh 
de  aobharan  ann,  ach  gu  trie  is  e  so  an 
reusan.  Tha  iad  ann  an  amharus  no  ann  an 
teagamh  a  thaobh  an  staid  spioradail  fein. 
Mar  eiseimpleir,  tha  an  t-abstol  Pol  a' 
sgriobhadh  anns  an  Litir  a  chum  nan  Roman- 
ach: — "  Guidheam  oirbh  a  bhrMthre,  tre 
throcairean  Dhe,  'ur  cuirp  a  thoirt  'n  an 
iobairt  bheo  naoimh,  thaitnich  do  Dhia,  ni 
as  e  'ur  seirbhis  reusanta."  Tre  chumhachd 
an  Spioraid  Naoimh  agus  tre  oibreachadh 
grais  tha  iad  a'  toirt  gu  toileach  na  h- iobairt 
a  reir  guidhe  agus  comhairle  an  Abstoil. 
Ach  chan  fhada  gus  am  bheil  iad  a'  fair- 
eachduinn  gu'm  bheil  iad  ann  an  tomhas 
mor  direach  mar  bha  iad  roimhe — buailteach 
do  bhuaireadh,  ullamh  gu  tuiteam  no  gu  dol 
air  seachran,  ullamh  eadhon  gu  Criosd  fein 
a  dhichuimhneachadh  air  uairean,  agus 
dearmad  a  dheanamh  air  an  dleasdanas 
Dha  agus  do'n  co-chreutairean. 

Fein-cheasnachadh. 

Tha  iad  a'  mothachadh  mar  a  mhothaich 
sgriobhadair  nam  facal  so : — "  Tha  punc 
araidh  ann  agus  is  miann  learn  le  m'uile 
chridhe  gu'n  amais  mi  air  cinnt  's  a'  chtiis ; 
oir  is  trie  a  dh'fhagas  e  fo  iomaguin  mi. 
Am  bheil  gradh  agam  do'n  Tighearna  da- 
rireadh  no  nach  'eil  ?  Am  buin  mi  dha  gu 
fior  no  nach  buin?  Ma  bhuineas  mi  dha 
gu  h-iomchuidh  agus  ma  tha  gradh  agam 
dha,  car  son  a  tha  mi  mar  tha  mi'n  diugh  ? 
Tha  mi  a'  faireachduinn  nach  'eil  mi  a'  dol 
air  m'adhart  mar  is  coir,  agus  nach  'eil  mi 
a'  fas  ann  an  gras  agus  ann  an  naomhachd 
mar  is  cubhaidh  dhoibh  a  tha  a'  leantuinn 
gu  dluth  ann  an  cas-cheumanna  Chriosd. 
Ciod  is  ciall  do  sin  ?  "  Gu  fortanach  tha  an 
t-abstol  Pol  a'  freagradh  na  ceisde  agus  a' 
mineachadh  na  staide.  Bu  Chriosdaidh  e 
gu  dearbh.  Cha  do  lean  duine  riamh  an 
Tighearn  losa  na  bu  dltiithe  no  na  bu 
durachdaiche  na  lean  esan  a  mhaighstir 
neamhaidh,  gidheadh,  is  e  so  aidmheil  an 
abstoil  mhoir :— "  Tha  mi  a'  faotainn  a 
mach  an  lagha  so,  gu'm  bheil  an  t-olc  a 
lathair  maille  riumsa  le'm  b'^ill  am  maith 
a  dheanamh.-  Oir  tha  tlachd  agam  ann  an 
lagh  Dhe  a  reir  an  duine  an  taobh  a  stigh ; 
ach  tha  mi  a'  faicinn  lagha  eile  ann  am 
bhuill,  a'  cogadh  an  aghaidh  lagh  m'inntinn 
agus  'g  am  thoirt  am  braighdeanas  fo  lagh 
a'  pheacaidh  a  tha  ann  am  bhuill.  Och  is 
duine  truagh  mi !  c6  shaoras  mi  o  chorp  a' 
bhais  so  ?  " 

An  uair  a  sgriobh  e  na  facail  sin, 
nach  robh  an  t-abstol  a'  faireachduinn 
nach  robh  e   'dol  air  adhart  air  slighe  na 


DEARBHADH  SPIORADAIL— AM  FREASDAL 


naomhachd  mar  bu  mhiann  leis  ?  Nach 
robh  e  a'  nochdadh  gu  soilleir  gu'n  robh  e 
eolach  air  an  stri  a  tha  dol  air  aghaidh 
daonnan  an  taobh  a  stigh,  an  spiorad  a' 
cogadh  an  aghaidh  na  feola  agus  an  fheoil 
an  aghaidh  an  spioraid  ?  Bha  am  peacadh 
fathast  ann  an  nadur  an  abstoil,  bha  e 
buailteach  do  bhuaireadh,  bha  e  ullamh  gu 
tuiteam,  bha  fhios  aige  gu  ro-mhaith  gu'n 
robh  e  fada  goirid  air  iomlanachd  ann  an 
Criosd,  agus  uinQ,e  sin,  ann  an  sealladh  Dhe ; 
gidheadh,  do  bhrigh  gu'n  robh  e  cur  a  dhoch- 
ais  agus  a  mhuinghin  uile  ann  an  obair 
chriochnaichte  an  Ti  sin  a  chaidh  a  cheusadh 
air  son  peacaidh  an  t-saoghail,  cha  robh  e 
ann  an  amharus,  cha  robh  iomaguin  no  eagal 
air;  bha  lan-dearbhachd  creidimh  agus 
dochais  aige,  agus  bha  e  cinnteach  gu'm 
faigheadh  e  duais  a  chreidimh  an  uair  a 
chitheadh  e  a  Shlanuighear  agus  a  Righ 
gniiis  ri  gnuis.  "  0  so  a  mach  "  sgriobh  e, 
"  taisgear  fa  m'chomhair  crun  fireantachd 
a  bheir  an  Tighearn  am  breitheamh  cothrom- 
ach  dhomh  's  an  la  ud ;  agus  chan  ann 
dhomhsa  a  mhain,  ach  dhoibh-san  uile  mar 
an  ceudna  leis  an  ionmhuinn  a  theachd." 


"  Is  dearbh  leam  nach  bi  bas,  no  beatha,  .  .  . 
no  airde,  no  doimhne,  no  creutair  air  bith 
eile,  comasach  air  sinne  a  sgaradh  o  ghradh 
Dhe,  a  tha  ann  an  losa  Criosd  ar  Tighearna." 
Am  bheil  lan-dearbhachd  creidimh  aig  na 
h-uile  a  leughas  na  duilleagan  so  ? 

Oighreachd  bheannaichte. 

Bitheamaid  cinnteach  air  so,  gu'm  bheil 
gach  gealladh  anns  a'  BhiobuU  sgriobhta  a 
chum  's  gu'm  faigh  deisciobuil  Chriosd 
neart,  misneach,  comhfhurtachd  anns  a' 
chath  spioradail.  Faiceamaid'  gu'm  bheil 
sinn  a'  creidsinn  ann  am  Mac  Dhe  le  'r 
n-uile  chridhe,  agus  cha  bhi  sinn  ann  an 
amharus  a  thaobh  ar  criche  no  ar  duaise ; 
oir  is  firinneach  Esan  a  gheall.  Cumamaid 
gu  daingean  aidmheil  ar  dochais  gun  chlaon- 
adh.  Thigeamaid  a  dh'  ionnsuidh  Chriosd 
ann  an  spiorad  agus  a  reir  eiseimpleir 
Aindreais,  agus  ma's  urrainn  sinn  a  radh  le 
firinn,  mar  thubhairt  esan,  "  Fhuair  sinne 
am  Mesias,"  creideamaid  gu'm  faigh  sinn 
ann-san  na  h-uile  nithean  a  bhios  feumail, 
agus  na  h-uile  is  urrainn  sinn  a  mhiannachadh 
gu  ceart. 


Am  Freasdal 


Leis  an  Urramach  Calum  Mac  Gill-Eathain,  M.A. 


LA  na  Sabaid  a  chaidh  bhathadh  da  bhalach 
's  an  abhainn  Conan.  Bhathas  'g  am  marbh- 
iarraidh  oidhche  na  Sabaid,  agus  an  solus 
maduinn  Di-luain  fhuaradh  an  cuirp. 

Tha  da  dhrochaid  air  an  abhainn,  te  fo'n 
rathad-^aruinn  agus  te  fo'n  rathad-mhor, 
agus  bha  corp  fo  gach  te  aca.  Chan  'eil 
fhios  aig  duine  beo  de  a  thachair,  ach  bha 
a  bhriogais  air  a  truiseadh  suas  aig  an  f  hear 
bheag,  Agus,  rud  a  chuir  ris  a'  chianalas, 
is  e  da  dhilleachdan  a  bha  's  na  brogaich, 
am  fear  beag  'g  a  thogail  an  tigh  piuthar 
a  mhathar,  agus  am  fear  bu  mhotha  a 
Glaschu.  Is  iomadh  duine  's  an  t-seann  aimsir 
a  chaidh  as  an  rathad  anns  an  abhainn  so ; 
ach  cha  chuimhne  leis  an  duine  is  sine  tha 
beo  'n  ar  measg  balach  a  dhol  a  dhith  innte. 

Da  bhrathair. 

An  uair  a  thoisich  an  cogadh  so  bu  ghasda 
na  fir  a  dh'f hag  na  h-eileanan  agus  a  chaidh 
thairis  do'n  Fhraing  anns  an  dibhision  fhior 
ainmeil,  an  51.  Cha  robh  's  an  arm  Bhreat- 
unnach  ris  an  earbadh  duine  barrachd. 
Th^rr  gach  dibhision  eile  as,  ach  rinn  na 
Gearmailtich  an  dibhision  so  a  chur  an  cro, 
agus  iad  cuide  ris  na  Frangaich;  agus  tha 
iad  a  nis  'n  am  priosanaich  's  a'  Ghearmailt. 


Bha'  gillean  as  na  Hearadh  ann,  agus  cuide 
riutha  bha  dithis  bhraithrean,  Niall  agus 
Gilleasbuig,  a  dh'fhag  an  athair  agus  am 
mathair  'n  an  dilleachdain  agus  iad  'n  am 
paisdean  beaga.  Bha  an  athair  'n  a  mhin- 
istear  air  an  t-Srath  an  Ceann  t-saile  Mhic 
Aoidh,  agus  e  a  Direcleit  fagus  do'n  Tairbeart 
anns  na  Hearadh,  agus  bha  am  mathair  a 
Steornabhagh,  agus  bha  i  coir  laghach  air 
leth.    Fhuair  an  da  bhrathair  bas. 

Cha  ruig  sinn  a  leas  a  dhol  air  adhart  le 
an  leithid  sin,  oir  chan  'eil  duine  a  fhuair  la 
is  suilean  air  nach  cuir  am  Freasdal  ionghnadh 
la  eigin.  Bha  fear  an  Uidhist  agus  an  uair  a 
thainig  an  crodh  gu  baile  cha  d'thainig  an 
t-agh.  "  Earbaidh  mi  ris  an  Fhreasdal  e," 
arsa  esan.  An  la-arna-mhaireach  fhuaradh 
an  t-agh  's  a  cheann  fodha  am  broinn  poll 
monadh.  "  Sin  agad  e,  am  freasdal  dhuit," 
arsa  nabuidh  ri  mo  dhuine,  "  earbaidh  mi  ris 
an  Fhreasdal  e  !  " 

Is  iomadh  beachd  a  tha  ,aig  daoine  air  an 
Fhreasdal,  agus  tha  mi  an  dull  nach  robh 
a  h-aon  de  na  dha  bha  timchioll  air  an  agh 
cothromach.  "  Ma  bhios  luck  math  orm," 
arsa  fear  eile.  "  De  tha  sin  ?  "  arsa  chomh- 
shaighdear.       "  Chan  'eil  fhios  agam"  arsa 


AM  FREASDAL 


esan.  "  C  ait  as  a  bheil  e  tighinn  leis  na 
rations  ?  "  arsa  an  dara  fear,  "  Chan  'eil 
fhios  agam,"  arsa  e  fhein,  "mur  ann  o'n 
fhear  a  tha  shios,"  agus  e  a'  cur  a  mheur 
fodha.  "  Ma  is  ann,"  arsa  a  ghoistidh,  "  cha 
bhi  gnothuch  agamsa  ris." 

Anns  an  dan. 

"  Ma  tha  e  anns  an  D^n,"  arsa  cuideigin  ri 
Tormod  Choinnich  a  bha  air  an  Leacainn  's 
na  Hearadh.  "  U  !  "  arsa  Tormod,  "  tha  mi 
faicinn  gur  ann  de  Chreideamh  an  Dain  a 
tha  thu."  Is  e  creideamh  na  h-Eaglais  gur 
e  Dia  nan  uile-ghr4s  Dia  an  Fhreasdail  mar 
an  ceudna. 

Chan  e  mhain  gu'n  cuir  am  Freasdal 
ionghnadh  air  duine  ach  an  uair  a  bhios  e 
cruaidh  air  is  iomadh  milleadh  a  dh'fhaodas 
e  dheanamh  air.  O  chuid  thug  e  an  sgoinn, 
o  chuid  thug  e  an  g^irdeachas,  o  chuid  an 
dochas,  o  chuid  an  slainte.  Chaidh  daoine 
eile  bhuaidh,  chaidh  iad  gu  61,  "a  bhathadh 
an  cuid  broin,"  agus  laigh  iad  'n  an  truaghain 
fo'n  mhisg  fa  dheireadh.  Chaidh  duine  eile 
gu  bhi  ceannairceach  agus  frionasach,  agus 
mar  a  chanadh  daoine  eile  dh'atharraich  e  a 
nMur,  no  chan  e  an  aon  duine  tha  ann  idir 
idir."  Chuir  e  daoine  eile  gu  bhi  teagmhach 
mu'n  Mbaith  agus  mu  Cheartas  agus  eadhon 
mu  Dhia  fein  beannaichte  gu  siorruidh.  A 
bheil  e  faicinn  ?  A  bheil  e  cluinntinn  ? 
A  bheil  e  uile-ghlic  ?  A  bheil  e  uile-chumh- 
achdach  ?  A  bheil  e  maith  agus  an  comh- 
nuidh  a'  deanamh  maith  ?  Ach  air  an  laimh 
eile  tha  e  fior  gu'n  do  rinn  cruadhs  is 
bristeadh,  bochdainn  is  bas,  nithean  air 
son  dhaoine  4raidh  a  db'fhairtlich  air -sogh 
is  air  saoibhreas,  air  deagh-shlainte  agus  air 
beatha  dheanamh.  Thug  e  iad  gu  bhi  Ian 
chreidsinn  an  Dia,  agus  eadhon  an  Dia  's 
an  Fhreasdal;  agus  thug  e  iad  gu  bhi  'n 
an  luchd-leanmhuinn  air  Dia  agus  'n  an 
luchd-aoraidh  aige. 

Moran  bheachdan. 

Chan  e  aon  sealladh  a  mhain  air  an 
Fhreasdal  a  tha  againn  eadhon  's  na  sgriob- 
turan  naomha,  ni  nach  neonach  far  a 
bheil  cunntas  air  aireamh  cho  mor  de  dhaoine 
agus  cuid  de  am  beachdan  air  an  cur  an 
dubh  's  an  geal. 

Tha  aon  bheacnd  am  measg  djaoine  gu 
coitcbionn  anns  gach  aite,  agus  tha  e  's 
a'Bhiobull  aig  cuid.  Tha  maitheas  an 
Fhreasdail  'n  a  thuarasdal  aig  daoine  matha 
agus  'n  a  chomharra  air  maith,  agus  tha 
bron  's  an  Fhreasdal  'n  a  dhuais  air  son  an 
uilc  agus  'n  a  cnomnarra  air  diombadh  agus 
corruicn  Dhe.  Nach  trie  a  chualas  duine  ag 
radh,     "  'S   e   breitheanas   a    thainig    air." 


Feuch  gun  ta,  cho  tearc  agus  a  chluinneas 
tu  daoine  ag  rkdh,  "Is  e  breitheanas  a 
thainig  oirnne."  Bu  choir  do  dhaoine  bhi 
faiceallach  'n  an  amharus. 

"  Is  lionmhor  bron  aig  luchd  an  uilc."  Is 
lionmhor  gun  teagamh ;  ach  nach  'eil  e  fior 
gu  bheil  bron  gu  trie  aig  luchd  an  mhaith  ? 
Gun  teagamh  tha  a  leithid  de  ni  is  breith- 
eanas ann,  agus  tha  e  ann  gun  sgur.  Agus 
an  aiteachan  agus  aig  amannan  chaidh 
breith  Dhe  fhoillseachadh  gu  soilleir.  Is  e 
sin  a  tha  againn  comh-cheangailte  ris  an 
sgrios  a  thainig  air  bailtean  a'  Chomhnaird. 
Agus  tha  moran  de  sin  air  a  nochdadh, 
araon  comh-cheangailte  ri  sluagh  agus  ri 
daoine  sonraichte,  's  an  t-Seann  Tiomnadh. 
Ach  tha  Criosd  a'  cur  fa'r  comhair  nach 
coir  duinn  a  bhi  ullamh  gu  bhi  tighinn  gu 
aon  chomhdhunadh  far  nach  'eil  toil  an 
Tighearna  soilleir.  Bha  an  dall  an  sud  agus 
b'e  comhdhunadh  nan  eolach  gu'n  do  pheac- 
aich  e  fhein  no  a  pharantan,  is  e  sin,  ar  led, 
a  b'aobhar  air  an  doille  bha  ann.  Ach 
cha  b'e  sin  an  sealladh  a  bha  aig  losa  air  a' 
chilis.  Thuit  an  tiir  air  feadhainn  eile.  An 
robh  ludas  no  Achan  'n  am  measg  ?  Tha 
losa  ag  radh  nach  robh  iad  na  bu  mhiosa 
na  an  leithidean  eile,  ach  gu  bheil  feum  aig 
na  h-uile  air  aithreachas.  Agus  arsa  losa, 
"  Na  tugaibh  breith  a  chum  nach  toirear 
breith  oirbh." 

Deacaireachd  an  t-Salmadair. 

A'  dol  air  ais  ceum  gu  linn  an  t-Seann 
Tiomnaidh  chi  sinn  sealladh  eile  aig  daoine 
air  an  Fhreasdal.  Seallamaid  air  aon  ni  de 
sin,  air  an  73  Salm.  An  uair  a  bha-  an 
"  Criosdaidh  "  aig  Iain  Bunyan  a'  dol  troimh 
ghleann  dorcha  duilich  chual  e  cuideigin 
a  bha  ag  imeachd  roimhe  agus  a'  seinn  's 
an  dorchadas.  Agus  sin  mar  a  tha.  Ach  is 
e  tha  againn  's  an  t-salm  so  duine  tha 
romhainn  agus  e  gearan.  Agus  de  an 
t-aobhar  ghearain  a  tha  aige  ?  Da  ni, 
cho  claoidhte  agus  a  bha  e  fhein,  agus  cho 
saor  sona  dheth  agus  a  bha  daoine  aingidh  ! 
Chan  e  mhain  gu'n  robh  iad  gun  dragh  'n 
am  beatha  ach  'n  am  bas  fhein  fhuair  iad 
socair  e.  Agus  nach  'eil  a  leithid  sin  ann  ? 
Tha.  Is  e  sealladh  air  nithean  Dhe  an  naomh- 
thigh  Dhe  a  thog  an  duine  so  os  cionn  a 
chuid  farmaid  agus  canrain. 

"  Gidheadh  's  e  neart  mo  chridhe  Dia 
'S  mo  chuibhrionn  buan  am  feasd." 

Agus  na  daoine  saoghalta,  aig  nach  robh 
ach  an  saoghal,  feuch  mar  a  chailleas  iad  an 
t-iomlan  ann  am  prioba  na  siila.  "  De  am 
math  dhuit  a  bhi  bruidheann  mu'n  t-Sabaid," 
arsa  fear,  "  bha  am  buntata  a  chuir  mise  la 
na  Sabaid  a  cheart  cho  math  ri  each  's  an 


AM   FREASDAL 


fhoghar."  "  Gun  ta,"  arsa  an  duine  eile  ris, 
"  chan  ann  a  h-uile  bliadhna  bhios  foghar 
aig  Dia."    Sin  e  direach. 

Am  firean  lob. 

Is  e  leabhar  loib  an  t-aite  anns  a  bheil 
ceist  an  Fhreasdail  air  a  cur  agus  air  a 
l^imhseachadh  gu  dicheallach  's  an  t-Seann 
Tiomnadh.  Gach  uair  a  bhios  ar  suil  air  an 
leabhar  sin  cuimhnicheamaid  so,  gu  ro-araidh, 
gur  e  cliii  Dhe  air  lob  cliii  an  fhirein.  Agus 
thainig  an  call  air  lob  agus  b'e  sin  an  call 
agus  an  uair  a  f  huair  lob  e  f  hein  cho  lorn 
falamh  is  e  a  thuirt  e,  "  Lomnochd  thainig 
mi  a  broinn  mo  mhathar,  agus  lomnochd 
pillidh  mi  an  sin :  thug  an  Tighearna  seachad 
agus  thug  an  Tighearna  leis :  beannaichte 
gu'n  robh  ainm  an  Tighearna." 

Dh'fhagadh  Dia  aig  an  t-salmadair ;  ach 
is  e  dh'fhagadh  aig  lob  a  bhith  bhochd 
fhein.  Sgriob  liath  an  Earraich  !  Thainig 
i  air  lob  eadar  a  bhreith  agus  a  bhas,  ach 
thig  i  air  gach  aon  aig  a'  bhas  co  dhiu, 
"  Lomnochd  pillidh  mi  an  sin."  Tha  e 
soilleir  nach  tug  sinn  ni  leinn  a'  tighinn  a 
steach  do'n  t-saoghal  (de  mhaoin  agus  de 
nithean  nach  'eil  fillte  suas  'n  ar  bith  fein) 
agus  tha  e  gle  chinnteach  nach  toir  sinn  sion 
leinn.  Tha ;  gidheadh  tha  e  cruaidh  air  an 
duine  nadurra  gabhail  ris  an  dearbh  fhirinn 
sin,  no  am  feum  is  fhearr  a  dheanamh  leatha. 

Ni  de  neoni. 

An  uair  a  bhasaicheadh  seann  righ  Eipheid- 
each  chuirte  or  is  umha  is  mnathan  is  maoin 
conihla  ris  's  an  uaigh,  agus  a  chorp  bochd 
fhein  air  a  ghleidheadh  air  chor  agus  nach 
crionadh  e  as.  Cianalas  de  oidhirp  air  ni  a 
dheanamh  de  neo-ni  agus  air  nithean  a  chur 
thairis  air  sruth  cas  bras  domhain  a'  bhais. 
Agus  nach  e  sin  a'  chuis  mu  bheil  losa  cho 
f  ior  agus  cho  f  ior-chruaidh  agus  e  ag  inneasdh 
dhuinn  mu'n  tuathanach  a  bha  sid.  Cuis 
fharmaid  aig  daoine  agus  cuis  theagaisg  o 
Dhia.  Bha  freasdal  anabarrach  saoibhir 
math  aige,  agus  cha  robh  dith  bhi  glic  air. 
"  Tha  fhios  agam  de  a  ni  mi."  Agus  rinn 
e  e.  Agus  bha  e  riaraichte  sasta  aig  meud 
nan  nithean  ud.  "  Moran  de  nithean  matha." 
'S  an  oidhche  sin  fhein  thuirt  Dia  ris,  "  Amad- 
ain."  Oir  air  an  oidhche  sin  fhein  bha  anam 
gu  cunntas  a  thoirt  air  fhein:  agus  bha  na 
nithean  gu  bhi  mar  a  bhiodh  iad  agus  aig  an 
fheadhainn  a  ruigeadh  orra  !  Cha  deanadh 
iad  maoin  do'n  amadan  an  oidhche  ud.  Cha 
tugadh  e  leis  an  graine  bu  shuaraiche  de'n 
t-siol  choirce.  Seadh,  cha  tugadh  e  leis 
rioba  dhe  f  halt  fein  !  Agus  is  e  sin,  a  rithist, 
is  teagaisg  o  Dhia  an  losa  Criosd  agus  e 
radb     "  Ciod  a  bhuannachd  ~  do  dhuine  ged 


a  bhuannaicheadh  e  an  saoghal  gu  leir  agus 
anam  fein  a  chall  ?  "  Seadh,  cha  dean 
nithean  tim  maoin  na  siorruidheachd.  Cha 
toir  sinn  ni  leinn. 

Tha  Dia  cothromach. 

Ach  air  an  taobh  eile  dheth  tha  so.  Eadhon 
nithean  tim  fhein,  tha  iad  a'  tighinn  agus  a' 
falbh,  agus  tha  leithid  lob  ag  radh  mu'n 
deighinn,  Na  nithean  a  thug  Dia  dhomh 
agus  na  nithean  a  thug  Dia  bhuam.  Tha 
Dia  mar  gu'm  b'eadh  a'  taisbeanadh  a 
Idimhe  's  an  Fhreasdal.  "  Is  e  an  Tighearna 
tha  ann,"  arsa  an  duine  eile,  "  deanadh  e 
mar  is  aill  leis."  Chan  'eil  am  Freasdal 
na's  motha  na  Dia,  chan  'eil  e  an  aghaidh 
Dhe,  agus  chan  'eil  e  air  a  sgaradh  o  Dia. 
An  uair  a  thuiteas  eun  beag  na  sgeithe, 
broinein,  agus  e  deanamh  air  a  nead,  leis 
an  t-srabh  'n  a  ghob,  tha  Dia  a'  faicinn  sin. 
Agus  tha  Dia,  a'  ceadachadh  sin.  Cha  bhiodh 
e  ceart  no  iomchuidh  gach  bochdainn  agus 
gach  call  fhagail  air  Dia.  "  Tha  an  Diabhol 
ag  imeachd  mar  leoghann  bheucach  feuch  c6 
shluigeas  e  suas."  Agus  bhiodh  e  gle  chearr 
obair  an  Diabhoil  a  thilgeil  air  Dia.  Gidh- 
eadh, nach  saoil  thu  gu  bheil  a  leithid  a' 
gabhail  aite  am  measg  dhaoine.  Biodh  sin 
mar  a  tha  e,  na  deanamaid  di-chuimhne  air 
garadh  loib.  Fhad  agus  a  chumadh  Dia  an 
garadh  gun  bhe^rn,  c6  a  dheanadh  call 
an  garadh  loib  ? 

"  Tha  aingle  Dhe  a'  campachadh 
Mu'n  dream  do'n  eagal  e." 

Agus  fhad  agus  a  tha  iad  sin  a  muigh 
faodaidh  each  fuireach  a  stigh.  Tha  dion 
aig  Dia  air  paisdean.  Tha  an  aingeal-san  a' 
faicinn  gnuis  an  Athar  neamhaidh. 

Bha  feachdan  flaitheanais  aig  losa,  agus  is 
e  an  ceangal  a  bha  orra  nach  do  chuir  e  fios 
orra  agus  iad  'g  a  tharruing  gu  Aite  a' 
chlaiginn.  Agus  bha  losa  muinghinneach  a 
thaobh  laithean  na  beatha.  "  An  diugh  agus 
am  maireach,"  arsa  losa,  "  agam."  "  Cha 
d'thainig  m'uair-sa  fhathast ;  "  agus,  a  ris, 
"  thainig  an  uair." 

Daibhidh  an  la  na  trioblaid. 

Agus  rachamaid  air  ais,  a  ris,  do'n  t-Seann 
Tiomnadh,  agus  gu  Daibhidh  agus  am  bas  'n 
a  thigh. 

"  Agus  air  an  t-seachdamh  la  f huair  an 
leanabh  bas  ;  agus  bha  eagal  air  seirbhisich 
Dhaibhidh  innseadh  dha  gu'n  robh  an  leanabh 
marbh  :  oir  thubhairt  iad.  Feuch  an  uair  a 
bha  an  leanabh  fhathast  bed,  labhair  sinn  ris 
agus  chan  disdeadh  e  ri  ar  guth  :  cionnus, 
ma  ta,  ma  dWinnseas  sinn  dha  gu  bheil  an 
leanabh  marbh,  a  chraidheas  e  e  fein.  Agus 
an  uair  a  chunnaic  Daibhidh  gu'n  robh  a 


6 


AM  FREASDAL— ANNS  A'  CHATHAIR 


sheirbhisich  ri  cogarsaich  thuig  Daibhidh  gu'n 
robh  an  leanabh  marbh :  uime  sin  thuirt 
Daibhidh  ri  sheirbhisich,  A  bheil  an  leanabh 
marbh  ?  Agus  thuirt  iadsan,  Tha  e  marbh. 
An  sin  dh  dirich  Daibhidh  o'n  talamh  agus 
dh'ionnlaid  agus  dh'ung  e  e  fiin,  agus  mhiulh 
e  aodach,  agus  chaidh  e  steach  do  thigh  an 
Tighearna,  agus  rinn  e  aoradh :  an  sin 
thainig  e  d'a  thigh  fein,  agus,  an  uair  a 
dh'iarr  e,  chuir  iad  aran  fa  chomhair,  agus 
dh'ith  e.  An  sin  thuirt  a  sheirbhisich  ris, 
Ciod  e  an  ni  so  a  rinn  thu  ?  air  son  an  leinibh 
an  uair  a  bha  e  bed  thraisg  thu  agus  ghuil 
thu :     ach    an    uair    a    dWeug    an    leanabh, 


dh'dirich  thu  agus  dh'ith  thu  aran.  Agus 
thuirt  esan,  An  uair  a  bha  an  leanabh  fhathast 
bed  thraisg  mi  agus  ghuil  mi  :  oir  thuirt  mi, 
Go  aige  a  bheil  fhios  nach  gabh  Dia  truas 
rium,  agus  nach  mair  an  leanabh  bed  ?  Ach, 
a  nis,  o  fhuair  e  bas  car  son  a  thraisginn  ? 
An  urrainn  mi  a  thoirt  air  ais  tuilleadh  ? 
Theid  mise  d'a  ionnsaigh-san  ach  cha  phill 
esan  do  m'ionnsaigh-sa." 

"  Feuch  measar  sona  leinn  iadsan  a 
dh'fhuilingeas.  Chuala  sibh.  iomradh  air 
foidhidin  loib,  agus  chunnaic  sibh  crioch 
an  Tighearna:  gu  bheil  an  Tighearna  ro 
theo-chridheach  agus  trocaireach." 


Anns  a'  Chathair 


An  uair  a  thig  amanna  fionnarachd  o  lathair  an  Tighearna. — Onlomh.  iv.,  19. 
Thig,  a  ghaoth  d  deas,  agus  seid  air  feadh  mo  liosa. — Dan  Sholaimh  iv.,  16. 
Anail  bhed,  anail  bhed,  anail  bhed,  sdid  a  nuas. — Laoidh. 


BHO  chionn  ghoirid  fhuair  mi  litir  bho  sheana 
mhinistear  a  bhios  a'  sgriobhadh  chugam  an 
drasd  's  a  ris  mu  nithean  anns  a  bheil  uidh 
againn  le  cheile,  agus  bu  mhaith  learn  rud 
no  dha  a  bha  anns  an  litir  a  chur  sios  air  an 
duilleig  so  a  chionn  gu  bheil  mi  an  dull  gu 
bheil  iad  an  da  chuid  f ior  agus  feumail. 

Dh'eirich  an  seanchas  a  rud-eigin  a  thubh- 
airt  mi-fhein  ris-san  ann  an  litir  a  sgriobh  mi 
'g  a  ionnsuidh  an  deidh  dhomh  tighinn 
dhachaidh  o  choinneamh  Cleire.  Thubhairt 
mi  nach  'eil  e  furasd  anns  na  laithean  so 
daoine  freagarrach  fhaotainn  gu  bhi  'n  am 
foirbhich  anns  an  eaglais,  agus  dh'innis  mi 
dha  mu  eaglais  shonraichte  as  aithne  dhomh, 
far  a  bheil  aobhar  an  Tighearn  a'  dol  sios  a 
chionn  nach  'eil  daoine  anns  a'  choimhthional 
a  ghabhas  os  laimh  a  bhi  'n  an  eildearan. 

So  an  f hreagairt  a  fhuair  mi  bhuaith : 
"  Tha  mi  duilich  a  chluinntinn  gu  bheil  an 
eaglais  bheag  ri  taobh  an  locha  a'  dol  sios ; 
ach  tha  mi  an  duil  gu'm  biodh  e  na  b'fhire 
dhuit  a  radh,  gur  e  an  eaglais  a  bhi  shios 
cheana,  as  aobhar  nach  gabh  foirbhich 
faotainn,  agus  nach  e  i  bhi  gun  fhoirbliich 
as  aobhar  gu  bheil  i  a'  dol  sios.  Tha  an 
seorsa  fhoirbheach  a  b 'aithne  dhuirm  ann 
an  Albainn  anns  na  seann  laithean  a'  fas 
gann  an  diugh,  agus  is  e  cion  nan  daoine  sin 
'n  ar  coimhthionailean  a  tha  a'  milleadh 
beatha  spioradail  na  h-eaglais  agus  cor  na 
diadhaidheachd  anns  an  dtithaich.  Bithidh 
e  air  uairean  a'  cur  eagail  orm  cho  beag  agus 
a  tha  ministearan  agus  buill  a'  choimhthionail 
ag  iarraidh  anns  na  daoine  a  tha  iad  a'  cur 
air  leth  mar  fhoirbhich.  Chan  'eil  iad  ag 
iarraidh  dad  annta  ach  na  dh'iarradh  iad  ann 
an  duine  a  bhiodh  iad  a'  cur  air  Bord  nan 
Sgoilean,  no  air  Comhairle  na  Siorramachd; 


ma  tha  e  'n  a  dhuine  laghach;  a  bhios  a'  dol 
do'n  eaglais,  stuama  a  thaobh  dibhe,  agus 
gun  dad  sonraichte  an  aghaidh  a  chliii 
saoghalta,  gabhar  'n  a  fhoirbheach  e  gun 
uiread  agus  fhaighneachd  a  bheil  creideamh 
aige,  no  fein-fhiosrachadh  spioradail,  no  am 
bi  e  ag  urnuigh,  no  a'  cumail  aoradh-teagh- 
laich  'n  a  dhachaidh  fhein.  Chan  'eil  ach 
fior  dhuine  annamh  an  diugh  am  measg 
fhoirbheach  na  h-eaglais  a  theid  air  cheann 
urnuigh  ann  an  coinneamh,  no  d'an  aithne 
treorachadh  spioradail  a  thoirt  do  neach  a 
tha  fo  churam  anama,  agus  a  tha  ag  iarraidh 
slighe  na  slainte.  Gheibhear  an  seorsa  so 
anns  na  h-eileanan  fhathast,  ach  chan 
fhaighear  ach  gle  bheag  dhiubh  air  tir-mor. 
Ach  tha  a  bhuil;  ma  chumas  tu  do  shuilean 
fosgailte  chi  thu  gu  bheil  crionadh  no  searg 
spioradail  a'  tuiteam  air  a  h-uile  coimhthional 
anns  a  bheil  foirbhich  nach  'eil  air  an 
iompachadh." 

Cha  ruig  mi  leas  a  radh  air  an  duilleig  so 
ciod  an  f  hreagairt  a  thug  mi  do  mo  charaid, 
ach  ged  bha  e  na  bu  truime  air  na  h-eildearan 
na  bu  choir  dha,  agus  ged  nach  'eil  ann  an 
"  iompachadh  "  ach  aon  de  na  geatachan  air 
a  bheil  daoine  a'  dol  a  steach  do  rioghachd 
Dhe,  tha  e  fior  gu  leoir  gu  bheil  an  seorsa 
fhoirbheach  a  b 'aithne  dhuinn  anns  a' 
Ghaidhealtachd  roimh  so  air  chall  an  diugh, 
no  CO  dhiu  air  fas  gann. 

Cha  robh  moran  a  dh'eaglaisean  anns  a' 
Ghaidhealtachd  ri  mo  chuimhne  fhein,  no  ri 
cuimhne  m'athar,  anns  nach  faigheadh  tu 
grunnan  de  dhaoine  diadhaidh  aig  an  robh 
aite-seasamh  agus  iighdarras  spioradail  am 
measg  an  t-sluaigh,  a  chionn  gu  robh  f  ios  aig 
an  duthaich  uile  gu'm  bu  daoine  iad  a  bha 
air  an  saoradh  tre  chreideamh,  aig  an  robh 


•ANNS  A'  CHATHAIR— LEABHAR  CHEIST  NAN"  SGOILEAN 


fiosrachadh  pearsonta  air  cumhachd  Chriosd 
mar  Shlanuighear,  agus  a  bha  'g  an  cumail 
fein  gu  dichiollach  fo  theagasg  an  Spioraid 
Naoimh  le  bhi  a'  leughadh  a'  Bhiobuill  agus 
ag  urnuigh. 

Bha  fianuis  nan  daoine  sin  a'  cnmail  teine 
an  t-soisgeil  beo,  ach  tha  an  seorsa  fianuis  so 
an  diugh  air  fas  fann,  air  chor  agus  gu  bheil 
gineal  a  nis  ag  eirigh  suas  a  tha  saoilsinn  gu 
bheil  a  h-uile  duine  'n  an  creidmhich  agus  'n 
an  Criosduidhean  ma  bhuineas  iad  do'n 
eaglais,  agus  ma  tha  iad  stuama  agus 
riaghailteach  'n  an  caitheamh-beatha,  ged 
bhiodh  iad  tur  aineolach  air  aithreachas  agus 
air  urnuigh,  air  creideamh  agus  air  gras- 
saoraidh  Dhe ;  gineal  d'a  bheil  cainnt  an 
Tiomnaidh  Nuaidh  mu  fhiosrachadh  a' 
chreidmhich  agus  mu  nithean  diomhair  na 
beatha  dhiadhaidh  mar  Eabhra  no  mar 
fhuaim  gun  seagh. 

Cha  teid  aig  an  eaglais  air  daoine  iompach- 
adh,  cha  mho  a  theid  aig  daoine  air  iad  fein 
a  thearnadh,  agus  mar  sin  tha  feum  againn 
a  bhi  a'  guidhe  agus  ag  iirnuigh  gu'n  ath- 
bheothaicheadh  Dia  obair  fein  ann  an 
Albainn  an  diugh  ;  gu'n  tugadh  e  dhuinn  ann 
an  eaglais  na  h-Alba  ministearan  agus  luchd- 
dreuchd  aig  a  bheil  eolas  spioradail  agus 
pearsonta  air  an  t-soisgeul,  agus  air  fiosrach- 
adh agus  faireachduinean  an  anama  anns  an 
do  ghin  an  Spiorad  Naomh  a'  bheatha  a  tha 
o  shuas.  Sin  an  aon  doigh  anns  am  faod  sinn 
dull  a  bhi  againn  gu'm  fosgail  Dia  uinneagan 
nan  neamhan,  agus  gu'n  doirt  e  oirnn 
beannachdan  gu  pailt,  mar  a  dhoirt  e 
beannachdan  air  Albainn  ann  an  1874  fo 
shearmonachadh  soisgeulach  D.  L.  Moody. 

Ann  an  1874,  a  reir  teisteanas  dhaoine 
beachdail,  thug  an  "  dusgadh "  mor  agus 
farsuing  a  bha  ann  an  Albainn  fo  shearmon- 
achadh Mhghr  Moody  na  foirbhich  a  b'fhearr 
a  bha  aca  riamh  do  na  h-eaglaisean  an 
Albainn ;  daoine  a  bha  air  an  dtisgadh  gu 
aithreachas  agus  a  fhuair  dochas  siorruidh 
tre  chreideamh  ann  an  Criosd,  agus  a  bha  'n 
am  meadhon  an  deidh  laimhe  air  eud  agus 


eolas  an  t-soisgeil  a  chumail  beo  anns  na 
coimhthionailean  anns  an  robh  iad  'n  an 
luchd-dreuchd. 

Air  a'  cheathramh  la  fichead  de  Februari 
1874  bha  coinneamh  aig  D.  L.  Moody  ann 
an  Glaschu  air  am  biodh  seann  daoine  a 
b'aithne  dhomh  a'  labhairt  mar  "a'  choinn- 
eamh  mhor,"  no  "  oidhche  na  coinnimh 
moire."  B'e  Mghr  Moody  a  bha  air  a  ceann, 
ach  bha  oileanaich  oga  a  Dun-eideann 
comhla  ris,  a  thainig  a  dh'aon  ghnothuch  a 
thogail  am  fianuis  air  taobh  Chi'iosd,  Eanruig 
Drummond,  Seumas  Stalker,  agus  Seumas 
Briin,  triiiir  a  rinn  obair  mhor  anns  an 
eaglais  an  deidh  laimhe. 

Bha  an  eaglais  anns  an  robh  iad  cruinn 
oho  l^n  's  a  ghleidheadh  i,  agus  bha  cumhachd 
an  Tighearn  a  l^thair  chum  slanachaidh. 
An  uair  a  labhair  na  h-oileanaich,  agus  a 
thug  iad  suas  am  fianuis  bha  cuireadh  air  a 
thoirt  do  ghillean  oga  eirigh  'n  an  seasamh 
air  beulaibh  a'  choimhthionail,  ma  bha  iad 
'g  an  totrt  fein  le'n  uile  chridhe  do  Chriosd, 
agus  a'  cur  romhpa  a  leantuinn.  Dh'eirich 
coig  fichead  agus  a  h-aon,  ag  aideachadh 
Chriosd  an  lathair  a  shluaigh,  agus  cha  robh 
aon  dhiubh  nach  do  cheangail  e  fhein  ri 
eaglais  air  chor-eigin,  is  bha  cuid  dhiubh  gu 
goirid  'n  am  foirbhich. 

B'e  sud  na  coinneamhan  sona  agus 
tarbhach,  far  an  robh  gras-saoraidh  Dhe  ag 
oibreachadh  le  cumhachd.  Bha  na  nithean 
a  bha  a'  tachairt  annta  iongantach  an 
suilean  dhaoine  magail  agus  ana-creideach, 
ach  is  ann  a  tobraichean  de'n  t-seorsa  ud  a 
tha  Eaglais  Chriosd  a'  tarruing  a  beatha  agus 
a  dochais.  Nach  b'aoibhneach  an  sgeul  e 
'n  an  cluinnteadh  an  diugh  gu  robh  anail 
bheo  o  shuas  a'  seideadh  air  feadh  na  tire 
aon  uair  eile  !  An  sin  dh'  fhalbhadh  an 
liath-reodhadh,  agus  cha  bhiodh  e  duilich 
luchd-dreuchd  fhaotainn  anns  an  eaglais. 

A  Spioraid  Dhe,  o  chian  a  ghluais 
air  aghaidh  dhorcha  nan  uisge  fas. 

Thig  ^n  uair  a  bhios  ar  cridhe  fuar, 
is  diiisg  ar  n-aigne  suas  le  d'ghras. 


Leabhar  Cheist  Nan  Sgoilean 


THA  fhios  aig  ar  luchd-leughaidh  gu  bheil  an 
seann  leabhar  ris  an  abramaid  "  Leabhar 
Aithghearr  nan  ceist  "  a  nis  air  a  chur  a 
mach  a  moran  de  na  sgoilean  anns  an 
duthaich,  agus  leabhar  eile  air  a  chur  'n 
a  aite.  Bho  chionn  iomadh  bliadhna  bha 
moran  dhaoine  am  beachd,  agus  gu  sonruichte 
maighstirean-sgoile,  gu  robh  Leabhar  Aith- 
ghearr nan  Ceist  ro  dhuilich  air  son  cloinne, 
agus  bha  iad  ag  radh  nach  robh  a'  chlann  a' 
tuigsinn   an    treas    facal    dheth;    ged    bha 


iad    'g    a    ionnsachadh    air   an  teangaidh. 

Chan  'eil  moran  feuma  ann  do  dhuine  no 
do  phaisde  rud  nach  tuig  e  a  bhi  aige,  mar 
phiorraid,  air  a  theangaidh. 

Faodaidh  mi  cuid  de  Leabhar  Cheist  nan 
Sgoilean  a  thionndadh  gu  Gaidhlig,  a  chum 
's  gu  'm  faic  ar  luchd-leughaidh  air  an  son 
fein  CO  dhiu  a  tha  no  nach  'eil  e  freagarrach 
a  theagasg  anns  na  sgoilean. 

Ceisd — Car  son  a  tha  feum  againn  air 
Slanuighear  ? 


LEABHAR  CHEIST  NAN  SGOILEAN" 


Frbagradh — Tha  feum  againn  air  Slan- 
uighear  a  chionn  gu  bheil  sinn  'n  ar  peacaich. 

Ceisd — Ciod  e  peacadh  ? 

Freagradh — ^Is  e  peacadh  eas-umhlachd 
do  Dhia  an  smaoin,  am  facal,  no  an  gniomh. 

Ceisd — ^A'  bheil  Dia  a'  cluinntinn  ar 
n-tirnuighean  daonnan? 

Freagradh — Tha  Dia  a'  cluinntinn  ar  n- 
urnuighean  daonnan,  agus  'g  ar  freagradh 
arm  a  bhi  a'  toirt  dhuinn  nan  nithean  sin 
a  chi  e  iomchuidh,  'n  a  ghliocas  agus  na 
ghradh. 

Ceisd — Ciod  a  tha  a'  cheud  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  ? 

Freagradh — Tha  a'  cheud  aithne  a' 
teagasg  dhuinn,  an  aon  Dia  fior  aideachadh 
mar  ar  Dia-ne,  's  an  t-aite  is  airde  'n  ar 
cridheachan  a  thoirt  dha. 

Ceisd — Ciod  a  tha  an  dara  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  ? 

Freagradh — Tha  an  dara  aithne  a'  teag- 
asg dhuinn  nach  coir  dhuinn  aoradh  a  dhean- 
amh  do  iodhalan,  no  aoradh  a  dheanamh  do 
Dhia  gu  neo-iomchuidh,  ach  gur  coir  dhuinn 
aoradh  a  dheanamh  do  Dhia  o'n  chridhe. 

Ceisd — Ciod  a  tha  an  treas  aithne  a'  teag- 
asg dhuinn  ? 

Freagradh — Tha  anr  treas  Aithne  a'  teag- 
asg dhuinn,  gur  e  peacadh  mor  a  tha  ann  am 
mionnan,  is  ann  am  mionnan-eithich,  agus 
gur  coir  dhuinn  urram  a  thoirt  do  ainm 
Dhe  agus  do  nithean  naomh. 

Ceisd — Ciod  a  tha  a'  cheathramh  aithne 
a  teagasg  dhuinn? 

Freagradh — 'Tha  a'  cheathramh  aithne 
a'  teagasg  dhuinn  gu'n  d'  thug  Dia  dhuinn 
sia  laithean  de'n  t-seachduin  gu  bhi  deanamh 
ar  n-obair,  gu  bheil  aon  la  ri  bhi  air  a  ghleidh- 
eadh  naomh  gu  fois  fhaotainn  is  aoradh  a 
dheanamh  ;  agus  tha  Criosduidhean  a' 
gleidheadh  naomh  a'  cheud  la  de'n  t-seachd- 
uin a  chionn  gu'n  d'  eirich  an  Tighearn  losa 
o  na  mairbh  air  an  la  sin. 

Ceisd — Ciod  a  tha  a'  choigeamh  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  ? 

Freagradh — Tha  a'  choigeamh  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  gur  coir  dhuinn  gradh,  urram, 
umhlachd,  agus  comhnadh,  a  thoirt  d'ar 
parantan,  agus  gu  bheil  Dia  a'  toirt  beann- 
achd  shonruichte  dhaibhsan  a  ni  sin. 

Ceisd — Ciod  a  tha  an  t-s^'athamh  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  ? 

Freagradh — 'Tha  an  t-siathamh  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  gur  h-e  tiodhlac  naomh  o 
Dhia  a  tha  ann  am  beatha  duine,  agus  gur 
coir  dhuinn  naimhdeas  agus  mi-rim  a  chuir 
uainn. 

Ceisd — Ciod  a  tha  'n  t-seachdamh  aithne 
a'  teagasg  dhuinn  ? 

Freagradh — Tha  an  t-seachdamh  aithne 
a'  teagasg  dhuinn  nach  coir  eas-urram  a  bhi 


air  a  dheanamh  air  staid  a'  phosaidh,  oir  tha  e 
naomh;  's  gur  coir  dhuinn  uile  a  bhi  glan 
'n  ar  smaoin,  'n  ar  cainnt,  agus  'n  ar  giulan. 

Ceisd — Ciod  a  tha  an  ochdamh  Mthne  a' 
teagasg  dhuinn  ? 

Freagradh — Tha  an  ochdamh  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  nach  coir  dhuinn  ni  sam  bith 
a  thoirt  o  dhuine  eile  gu  h-eucorach,  agus  gur 
coir  dhuinn  a  bhi  onorach,  ceart,  is  treibhdh- 
ireach  arms  na  h-uile  nithean. 

Ceisd — Ciod  a  tha  an  naoieamh  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  ? 

Freagradh — Tha  an  naoieamh  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  nach  coir  dhuinn  a  radh  mu 
dhaoine  eile  ach  an  fhirinn,  agus  gur  coir 
dhftinn  a  bhi  curamach  mu  dheagh  chliu  ar 
coimhearsnaich . 

Ceisd — Ciod  a  tha  an  deicheamh  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  ? 

Freagradh — Tha  an  deicheamh  aithne  a' 
teagasg  dhuinn  nach  coir  dhuinn  ar  cridhe  a 
leagadh  air  ni  sam  bith  a  bhuineas  do  neach 
eile,  agus  gur  coir  dhuinn  a  bhi  taingeil  air 
son  nan  nithean  a  tha  Dia  a'  toirt  dhuinn. 

Ceisd — Ciamar  is  coir  dhuinn  ar  n-obair 
laitheil  a  dheanamh  ? 

Freagradh — Is  coir  dhuinn  ar  n-obair 
laitheil  a  dheanamh  gu  dichiollach,  gu  dileas, 
agus  gu  togarrach,  mar  ann  an  sealladh  ar 
n-Athar  neamhaidh. 

Ceisd — Ciod  e  ar  dleasdanas  do  Eaglais 
Dhe? 

Freagradh — Is  e  ar  dleasdanas  do  Eaglais 
Dhe  gradh  a  bhi  againn  dhi,  pairt  a  ghabhail 
'n  a  h-aoradh  follaiseach,  is  cuideachadh  a 
dheanamh  le  h-obair  aig  an  tigh  agus  air 
feadh  an  t-saoghail. 

Ceisd — Ciod  e  ar  dleasdanas  da  'r 
dtithaich  ? 

Freagradh — Is  e  ar  dleasdanas  da  'r  diith- 
aich  urram  a  thoirt  do  'n  Righ,  is  dhaibhsan  a 
tha  ann  an  iighdarras  ;  umhlachd  a  thoirt  do 
'n  lagh,  a  bhi  deas  gu  obair  a  dheanamh  air 
son  maith  an  t-sluaigh,  agus  a  bhi  deas  gu 
fulang  air  a  shon  sin,  ma  's  eigin  e. 

Ceisd — Ciod  e  a'  chrioch  araidh  a  bu  choir 
a  bhi  againn  anns  a'  bheatha  so  ? 

Freagradh — Is  e  a'  chrioch  araidh  a  bn 

choir  a  bhi  againn  anns  a'  bheatha  so,  tighinn 

beo  mar  chloinn  Dhe,  'ga  ghradhachadh  agus 

'ga  thoileachadh ;   a'  deanamh  seirbhis  d'  ar 

co-chreutairean,  agus  a'  fas  ann  an  coslas  ar 

Tighearna  losa  Criosd. 

^         ^         ^         ^         ^ 

Chi  ar  luchd-leughaidh  nach  'eil  teagasg  iir 
sam  bith  anns  an  leabhar  so,  ach  chi  iad  cuid- 
eachd  gu  bheil  na  freagraidhean  air  an  cur 
ann  an  doigh  anns  an  tuig  clann  iad.  Feumar 
a  chuimhneachadh  nach  'eil  clann  air  an 
deanamh  air  son  leabhraichean  cheist,  ach 
leabhraichean  cheist  air  son  na  cloinne. 


Aireamh  7 


1941 


Dia  m'athar 


{Leis  an  Urramach  EacJiann  Mac  Fhionghuin,  M.A.,  nach  maireann) 

Is  e  an  Tighearna  mo  neart,  agus  mo  dhan,  agus  tha  e  'n  a  shlainte  dhomh  :    is  esan 
mo  Dhia-sa,  agtis  ni  mi  aitd-cdmhnuidh  dha  :     Dia  «^'  athar,  agus  ardaichidh  mi  e. 

— Ecsodus  XV.,  2. 


Tha  na  briathran  so  bho  oran  Mhaois  agus 
Israeli.  Thachair  ni  mor  dbaibh,  an  tach- 
artas  a  bu  mho  'n  an  eachdraidh  gus  a  so ; 
agus  bha  Dia  anns  a'  chilis.  Rinn  freasdal 
an  Tighearna  an  tearnadh  a  nis  agus  gu  brath 
o  lamhan  Pharaoh.  A  nis  tha  teagasg 
moralta  agus  spioradail  ann  an  uile  fhreasd- 
alan  Dhe.  Tha  so  fior  gu  sonruichte  mu'n 
fheadhainn  a  ni  driiidheadh  oirnn,  agus  bu 
choir  dhuinn  cuimhne  a  bhi  againn  orra  so 
gu  h-araidh,  a'  deanamh  ciiiil  no  caoidh  a 
reir  an  gne.  Is  e  bha  so  a  nis  do  Israel  agus 
an  ceannard  am  seinn  molaidh,  agus  so  gu 
h-araidh,  do  bhrigh  nach  robh  'n  an  saoradh 
miorbhuileach  ach  aon  de  iomadh  maitheas 
o'n  Tighearna,  agvis  coimhlionadh  gheall- 
aidhean  luachmhor,  agus  sathachadh  an 
dochais  bheannaichte  a  thugadh  dhaibh  o  na 
l^ithean  cian,  fad  as.  Agus  bha  an  saorsa  a' 
sealltainn  dhaibh  saorsa  a  bu  mho  a  bha  ri 
teachd.  Cha  b'  ionghnadh  ged  rinn  an 
ceannard  agus  an  sluagh  ceol  le  cheile.  "  Dia 
m'  athar,"  arsa  Israeli,  agus  ciod  tha  so  a' 
teagasg  duinn? 

I.  "  Dia  m'  athar,''' — cha  robh  an  creid- 
eamh  diadhaidh  'n  a  ni  nuadh  dhaibh.  Cha 
robh  e,  uime  sin,  'n  a  neonachas  dhaibh  a  bhi 
toirt  dhasan  gloir  na  buadha.  Dh'  innis  an 
aithrichean  dbaibh  na  gniomharan  a  rinneadh 
leis,  agus  dhearbhadh  dhaibh  fein  gu'n  robh 
an  cliii  a  thug  an  aithrichean  air  ceart.  Cha 
mho  bu  choir  an  creideamh  diadhaidh  a  bhi 
'n  a  neonachas  dhuinne  comh-cheangailte  ri 
freasdalan  mora.  Araon  ann  am  buannachd 
agus  ann  an  call  bu  choir  dhuinn  tiomidadh 
ri  Dia.  A  chum  na  criche  so  feumaidh  an 
diadhaidheachd  a  bhi  timchioll  ar  beatha  a 
ghnath  agus  gu  dliith.  Bu  choir  dhuinn  a 
bhi  faicinn  Dhe  'n  a  chruitheachd,  an  each- 
draidh, agus  ann  am  faireachduinnean 
dhaoine,  ionnus  's  nach  biodh  e  'n  a  iongantas 
idir  dhuinn  a  bhi  cluinntinn  mu  ghniomharan 
a  laimhe. 

II.  "  Dia  m'  athar." — Cha  d'  fholaich  na 
h-aithrichean  an  diadhaidheachd  fein  air  an 
cloinn.  Bha  fhios  aig  a'  chloinn  gu'n  robh 
Dia  aig  na  h-aithrichean.     Tha  diadhaidh- 


eachd cuid  de  shluagh  gu  Ji-iomlan  folaichte 
bho  mhuinntir  eile,  eadhon  bho  'n  clann  fein. 
Agus  cha  tig  e  an  uachdar  gus  an  tachair  ni 
anabarrach  neo-chumanta  riu.  Is  tearc  a 
chithear  diadhaidheachd  na  muinntir  so. 
Ach  cionnus  tha  a'  chilis  d'ar  taobh-ne  ?  A 
bheil  fhios  aig  ar  cloinn  gu  bheil  Dia  againn  ? 
Is  bochd  an  gnothuch  ma  tha  so  air  fholach 
uatha.  Bha  a'  mhuinntir  a  b'  ainmeile  anns 
an  t-saoghal  riamh  beo  ann  an  co-chomunn 
follaiseach  ri  Dia.  Anns  a'  cho-chomunn 
sin  bu  choir  dhuit-sa  agus  dhomh -sa  a  bhi 
beo,  oir  ma  tha  ar  co-chomunn  treibhdhireach 
chi  each  e,  agus  gu  h-araidh  iadsan  a  tha  fo 
na  h-aoin  chabair  ruinn.  Chan  e  mhain 
gu'm  feum  sinn  a  bhi  gniomhach  anns  an 
ni  a  tha  maith,  ach  thig  oirnn  a  bhi  ag 
aideachadh  nam  beanntan  o'm  bheil  ar 
neart  gu  bhi  gniomhach  a'  tighinn. 

III.  "  Dia  m'  athar  "  ;  faodaidh  nach 
bi  an  t-athair  agus  am  mac  a'  deanamh 
seirbhis  do'n  aon  Dia.  Chan  'eil  an  diadh- 
aidheachd a'  ruith  anns  an  fhuil,  mar  tha  am 
peacadh,  oir  tha  comas  aig  duine  e  fhein  a 
sgaradh  o  Dhia  'athar.  Faodaidh  e  Dia 
d'an  d'  rinn  at  hair  aoradh  a  chumail  a  mach 
as  a  chridhe.  Is  e  comas  eagallach  a  tha  an 
so,  agus  is  e  a  thoradh  an  dara  has. 

IV.  "  Dia  m' athar  "  ;  tha  sinn  fo  fhiachan 
do  dhiadhaidheachd  ar  n-aithrichean.  Is  sinne 
oighreachan  nan  al  a  chaidh.  Am  maith  a 
tha  sinn  a'  sealbhachadh  ann  an  nithean 
saoghalta  agus  ann  an  nithean  spioradail 
choisinn  iadsan  dhuinn  ann  an  tomhas  mor. 
Chaidh  urram  a  chur  air  diadhaidheachd  na 
muinntir  so.  Chi  sinn  gu  robh  Mephiboseth 
air  a  ghradhachadh  air  sgath  'athar,  lonatan ; 
agus  gu  robh  Solamh  air  a  bheannachadh  air 
sgath  'athar,  Daibhidh,  agus  gu  bheil  na 
h-Iudhaich  air  an  gradhachadh  air  sgath  an 
athar.  Agus  chan  'eil  so  'n  a  chuis-iongantais, 
oir  bheir  riiintean  an  Tighearna  fada  ri  bhi 
air  an  coimhlionadh,  ionnus  gu  'n  teid  iomadh 
ginealach  seachad  m'  an  tig  beannachdan 
Dhe  'n  an  iomlanachd.  Tha  sinne  an  diugh 
a'  sealbhachadh  toraidhean  diadhaidheachd 
agus  treuntas  martaraich  na  h-Alba. 


DIA  M'ATHAR— AIG  LOCHAN  BHETESDA 


A  bhrMthrean,  tha  an  ceann-teagaisg  so  a' 
tagar  le  sgal  laidir  ri  iomadh  cridhe.  Tha  e 
druidhteach.  Abair  "  mo  Dhia,"  agus  thig 
soluimteachd  mhor  air  do  spiorad ;  ach  abair 
"  Dia  m'  athar,"  agus  air  ball  tha  aignidhean 
do  chridhe  air  am  bualadh  le  teo-chridheachd 
ro  mhor.  Tha  Dia,  an  sin,  air  a  thoirt  gu 
do  chagailte,  gu  do  chreathaill,  gu  leaba  na 
trioblaid  iarganaich,  agus  gu  meadhon  do 
bheatha  'n  a  do  theaghlach. 

Anns  a'  cho-dhunadh,  freagair  na  ceistean 
so  a  tha  an  ceann-teagaisg  a'  cur  ort.  Bha 
t-athair  'n  a  Chriosduidh :  a'  bheil  thusa 
na's  anabarraiche  glic  na  esan,  ionnus  's 
gu'm  faod  thu  'eisimpleir  a  chur  air  chul. 
Faodaidh  gu  bheil  thu  na's  fhearr  dheth  na 
bha  esan.  Ma  db'  fhaoidhte  gu  bheil  tigh 
na's  mo  agad,  teachd-an-tir  na's  pailte,  agus 
sgoileireachd  na's  beiu-ra.  Ach  an  cliiiteach 
e  dhuit  a  bhi  dh'  easbhuidh  Chriosd  a  bha 
dhasan  'n  a  uile  anns  na  h-uile.  Smuainich 
ort  fhein.  Bha  f  aihair  'n  a  dhuine 
diadhaidh  ;  bu  choir  do  'n  eolas  so  do  chur 
fo  churam.  A  bheil  thu  a'  runachadh 
briseadh  air  falbh  bho  do  shinnsireachd 
dhiadhaidh  ?  A  bheil  thu  a'  rtmachadh  do 
shiol  a  bhi  'n  am  paganaich  ?  Dean  stad,  tha 
an  gnothuch  so  soluimte,  agus  lean-sa  dluth 
ri  cliu  do  shinnsir.  Bha  V  athair  'n  a  dhuine 
f'lor  chrabhach  ;  agus  dh'  aidich  e  gu'm  b'e 
maitheas  Dhe  mar  so  dha  a  b'  aobhar  d'a 
uile  bhuannachd  's  an  t-saoghal  so.  Le 
cur  Criosduidheachd  air  chul  an  soirbhich 
thusa  na's  ^fhearr  na  rinn  esan  ?  A 
bheil  thu  gu  bhi  na's  geur-cbuisiche 
na  esan.  Dean  tarcuis  air  Criosd,  ach  bidh 
agad  fhathast  ri  aghaidh  a  chur  air  nithean 
dorcha  agus  diomhair  an  t-saoghail  agus  na 
beatha  so.  Gu  cinnteach  chan  fhaigh  thu 
solus  orra  sin  a  dh'  easbhuidh  Chriosd.  Bu 
cho  maith  dhuit  duil  a  bbi  agad  ri  aimsir 
maith  an  deidh  dhuit  an  gloine  a  bhriseadh 
ri  bhi  deanamh  dheth  gu'n  rannsaich  thu  gu 
chill  diomhaireachd  fulangais  agus  bais  le 
bhi  tilgeadh  Chriosd  's  a'  chuan.  Is  obair 
dhiomhain  agus  eagallach  so.  A  bheil 
thu  gu  bhi  na's  fhearr  dheth  na  t'  athair  ? 


Faodaidh  tu  an  taisbeanadh  a  thug  Dia  air 
fein  anns  an  Fhirinn  a  thilgeadh  bhuait,  ach 
cha  teich  thu  bho  do  choguis,  agus  i  'g  ad 
dhiteadh.  Faodaidh  tu  a'  cur  balbh  car 
tiota,  le  cleachdadh  nam  paganach,  ach  a 
miichadh  gu  tur  chan  urrainn  dhuit  gun  thu 
fhein  a  mhort  gu  spioradail.  Bidh  a  guth- 
ditidh  riut  a  dh'  aindeoin  ciod  a  ni  thu.  Am 
bith  do  chliu  na's  fhearr  ?  Teich  bho  Chriosd 
a  tha  foirfe  'n  a  chliii,  agus  co  thuige  a  theid 
thu  !  Cionnus  a  ruigeas  tu  air  foirfeachd 
am  beatha  ach  tre  Chriosd.  A  bheil  slighe 
no  doigh  eile  ann  ach  tre  Chriosd  ?  Ma  tha, 
chan  aithne  dhomhsa  i.  Air  an  aobhar  sin 
bi  glic  agus  lean  ann  an  cos-cheumanna 
t'  athar  diadhaidh.  Na  bi  toileach  a  bhi 
sealbhachadh  a  chodach  agus  inbhe,  agus  a 
bhi  deanamh  tair  air  a  dhiadhaidheachd.  Bi 
dileas  dhuit  fein,  agus  d'a  chuimhne-san,  agus 
buainidh  tu  foghar  trom  de  ghlaine  agus  de 
aoibhneas  agus  de  shith.  Tha  cuimhne  agad 
cho  treun  's  a  bha  e  'n  a  bheatha  agus  'n  a 
bhas  tre  'n  ghras  sin  a  tha  ann  an  Criosd. 
An  gras  a  bu  leoir  dhasan  is  leoir  dhuit-sa 
cuideachd  ma  dh'  earbas  tu  ris.  0  !  gu  'n 
cuidicheadh  Dia  leat  a  chum  's  nach  cuir  thu 
gras  Dhe  an  suarachas,  ach  gu'n  earbadh  tu 
ris  gus  an  ceum  as  fhaide  mach. 

Ma  dh'  fhaoidhte  gu  robh  f  athair  gun  Dia, 
no  gu  bheil  f  athair  gun  Dia.  Ma  tha  sin 
mar  sin,  chan  aithne  dhuitsa  an  teaghlach 
m'an  robh  e  air  inneadh  gu  robh  guth 
gairdeachais  is  slainte  am  pailliunaibh  nan 
saoi,  agus  tha  do  chor  'n  a  eire  thruim  air  do 
spiorad.  Agus  tha  thu  a'  foighneachd  a 
bheil  Dia  deonach  ciiram  a  ghabhail  dhiot-sa. 
Tha  mi  ag  radh  riut,  gu  deimhin  tha  e 
toileach  agus  deonach.  Agus  mur  h-urrainn 
duit-sa  a  radh  "  Dia  m'  athar,"  their  do 
chlann  e  agus  beannaichidh  iad  thu.  O  ! 
gu  'n  ceadaicheadh  Dia  a  chomhnadh  do 
neach  sam  bith  d'  am  buin  e  greimeachadh 
air  an  smuain  so  greimeachadh  oirre  mar  le 
dubhanan  stailinn. 

Agus  a  nis  dhasan  an  Ti  as  airde  agus 
as  naomha  gu  robh  moladh  agus  gloir  gu 
saoghal  nan  saoghal. 


Aig  Lochan  Bhetesda 

Gheibh  faidhidinn  furtachd 
Gheibh  airidheachd  a  duais. 


BHA  an  t-Ollamh  nach  maireann,  Marcus 
Dods  corr  agus  sia  bliadhna  a  mach  as  a' 
Chollaist  m'  an  d'  fhuair  e  eaglais  dha  fhein. 
Anns  an  iiine  sin  bha  e  air  beulaidh  corr 
agus  fichead  coimhthional  ach  cha  ghabhadh 
gin  dhiubli  e,  ged  bha  aithreachas  air  cuid 


dhiubh  an  deidh  laimhe  nach  do  ghabh.  Cha 
robh  dad  cearr  air  ach  a  mhain  nach  robh 
liubhairt  mhaith  aige,  agus  nach  b'  urrainn 
dha  bias  a  chur  air  Mesopotamia. 

Cha  do  chord  e  ris  a  bhi  air  a  dhiultainn 
le  coimhthional  an  deidh  coimhthionail  (co 


AIG  LOCHAN  BHETESDA 


ris  a  chordadh  ?),  ach  ghabh  e  a  rathad  fhein 
gu  ciuin  agus  gu  h-uasal,  gun  a  ghearan  a 
dheanamh  ris  an  t-saoghal,  agus  gun  uidh  a 
chall  ann  an  obair  no  ann  an  ionnsachadh. 
Bha  na  litrichean  a  sgriobh  e  anns  na  bliadh- 
nacban  sin  air  an  gleidheadh  le  pheath- 
raichean,  agus  le  cairdean  eile,  agus  chithear 
anns  na  litrichean  sin  a  ghne  dhuine  a  bha 
ann;  duine  coguiseach,  is  duine  caomhail,  is 
duine  iriosal.  An  aite  a  bhi  gearanacli  no 
farmadach  an  uair  a  bha  cuisean  a'  dol  'na 
aghaidh  thug  Dia  dha  gu'm  b'  urrainn  dha 
dibhearsoin  a  dheanamh  air  fhein,  agus  air 
olcas  a  liubhairt.  So  litir  a  sgriobh  e  gu 
phiuthar,  Marcia. 

"  Chan  aithne  dhomh,  a  luaidh,  do 
leithid  air  son  misneach  a  chur  ann  am 
chridhe ;  tha  a  h-uile  litir  a  sgriobhas  tu 
chugam  na's  f  hearr  na  'n  te  a  bha  roimhpe. 
Ged  bhithinn-sa  na  bu  mhiosa  na  tha  mi, 
dheanadh  do  ghaol-sa  duine  dhiom.  Tha 
iad  ag  radh  gu  bheil  cumhachd  tearnaidh 
ann  an  gradh ;  nach  e  mhain  gu'n  cuir  e 
folach  air  moran  pheacaidhean,  ach  gu'n 
liubhair  e  daoine  bhuapa.  A  reir  teagasg 
na  h-eaglais  bhiodh  e  cearr  dhomh  a 
chreidsinn  gu'n  cuir  oibre  maithe  dhaoine 
eile  folach  air  mo  chionta-sa,  ach  air  a 
shon  sin  tha  do  ghaol-sa  agus  t'  obair 
mhaith-sa  'g  am  chumail  air  mo  chasan. 
.  .  .  Ann  an  te  de  na  coinneamhan  a  bha 
againn  dh'  iarradh  air  fear  de  na  foirbhich 
urnuigh  a  dheanamh,  agus  am  measg  nan 
athchuingean  eile  a  chuir  e  suas  ghuidh  e 
ri  Dia  air  mo  shon-sa,  gun  earhsa  a  bhi 
agam  anns  a'  phaipear." 

Chan  'eil  ach  gle  bheag  de  mhinistearan  an 
diugh  nach  'eil  a'  leughadh  an  searmoin  anns 
a'  chiibaid,  ach  cha  robh  an  cleachdadh  sin 
cho  cumanta  anns  an  eaglais  Shaoir  ann  an 
toiseach  a  toiseachaidh,  agus  cha  bu  toigh  leis 
an  t-sluagh  e.  Sin  an  t-aobhar  nach  robh 
meas  aca  air  Marcus  Dods,  gu'm  biodh  e  a' 
leughadh  a  shearmoin,  agus  'g  a  leughadh 
gun  teas  a  chur  ann  fhein  no  ann  an  daoine 
eile.  Bha  barrachd  de  'n  t-Siorram  ann  an 
Dods  na  bha  ann  de  'n  fhaidh,  agus  bha  e 
daonnan  na  b'  f hearr  leis  agus  na  b'  fhasa 
dha  inntinnean  dhaoine  a  shoilleireachadh 
na  bha  e  dha  an  cridheachan  agus  an  aignidh- 
ean  a  ghluasad.  Cha  robh  ealain  aige  air 
bias  a  chur  air  an  fhirinn,  agus  thilgeadh  e 
an  fhirinn  air  daoine  mar  gu'm  biodh  e 
caoin-shuarach  co  dhiu  a  ghabhadh  iad  rithe 
no  nach  gabhadh.  Cha  do  rinn  e  riamh 
starum  no  straighlich  anns  a'  chubaid; 
sheasadh  e  an  lathair  dhaoine  agus  leughadh 
e  dhaibh  an  rud  a  sgriobh  e  air  an  son  gun 
uiread  agus  a  shiiil  a  thosrail  aon  uair  o'n 


phaipear,  no  eadhon  a  cheann  a  chrathadh  no 
lamh  a  charachadh.  Do  na  feadhainn  a  dh' 
eisdeadh  ris  le  ro-aire  bha  gu  leoir  de  bhiadh 
maith  is  laidir  anns  na  searmoin  aige,  ach 
ann  an  shilean  na  mor-chuideachd  cha  robh 
ann  ach  searmonaiche  fuar  agus  tioram. 

Bha  fhios  aige  fhein  gu  maith  gu  robh 
daoine  ag  ionndrainn  spailp  is  teas  is  comh- 
arran  corporra  an  diirachdais  ann,  ach  cha 
b'  urrainn  e  sin  a  leasachadh  no  a  nadur 
atharrachadh. 

"  A  Mharcia  ghaolach,  cha  deachaidh 
dhomh  ach  gu  dona  air  an  t-Sabaid  mu 
dheireadh  :  an  aite  a  bhi  fas  na's  fhearr 
air  labhairt  ri  mo  cho-chreutairean  is  ann 
a  tha  mi  a'  fas  na's  miosa.  Theid  agam  air 
sgriobhadh  agus  theid  agam  air  leughadh  ; 
ach  chan  'eil  e  a  reir  mo  naduir  bruidhinn 
ri  barrachd  is  dithis.  Aph  chan  'eil  mi  an 
diiil  gur  e  so  mo  choire  fein,  co-dhiu  anns 
an  doigh  anns  am  bi  mi  a'  cur  coire  m' 
fhailingean  eile  orm  fhein.  Tha  mi  a' 
deanamh  mar  is  fhearr  is  urrainn  mi,  ach 
ma  dh'  fheumas  mi  a'  mhinistrealachd  a 
leigeil  dhiom  chan  'eil  arach  air.  Ach 
air  a  shon  sin  tha  gaol  agam  air  a' 
mhinistrealachd ;  tha  gaol  agam  air  an 
obair  a  chionn  gu  bheil  gaol  agam  air  mo 
Shlanuighear  agus  air  mo  mhathair.  An 
uair  a  chuimhnicheas  mi  air  na  rinn  ise 
air  mo  shon  bu  mhaith  leam  eaglais 
dhomh  fhein  fhaotainn,  oir  thoilicheadh 
sin  i.  .  .  .  An  la  a  bha  mi  a'  searmon- 
achadh  anns  an  Eaglais  Ard  ann  an 
Diin-eideann  bha  Taylor  Innes  anns  an 
eisdeachd.  An  deidh  an  t-searmoin  thainig 
e  a  bhruidhinn  rium,  cho  cairdeil  agus 
cho  coibhneil  's  a  bha  e  riamh,  ach  ma 
shearmonaich  mise  dhasan  mu  mhuinntir 
Ephesuis  shearmonaich  esan  dhomhsa  mu 
olcas  mo  liubhairt.  Thug  e  buille  air 
muin  buille  dhomh,  ach  b'e  a'  bhuille  mu 
dheireadh  agus  a'  bhuille  a  bu  ghoirte  air 
fad,  gu  robh  mi  na  bu  mhiosa  na  Rainy. 
Bha  fhios  agam  gu  robh  mi  dona  gu  leoir, 
ach  cha  robh  fhios  agam  gu  robh  mi  uile 
gu  leir  cho  fuar  no  cho  tioram  ri  Rainy, 
agus  dh'  fheuch  mi  ri  Taylor  Innes  a  chur 
as  a  bheachd  ach  dh'  fhairtlich  e  orm. 
Sin  agad,  eudail,  an  doimhne  gus  an  do 
thuit  mise,  na's  miosa  na  Rainy,  rud  a 
a  bhi  mi  an  dull  a  bha  eu-comasach.  .  .  . 
Air  an  ath  sheachduin  tha  mi  a'  dol  a  dh' 
Obar-eadhain  air  iarrtus  coimhthionail  a 
tha  air  son  mo  chluinntinn.  Ma  theid 
Obar-eadhain  'n  am  aghaidh  mar  chaidh  a 
h-uile  aite  eile  a  dh'  fheuch  mi,  tha  mi 
dol  a  losgadh  m'  urchair  mu  dheireadh, 
agus  a'  dol  a  sgriobhadh  searmon  mu  'n 
duine  a  bha  aig  lochan  Bhetesda,  a  bha 


AIG  LOCHAN  BHETESDA— ANNS  A'  CHATHAIR 


daonnan  air  fliagail  air  dheireadh  le  feadh- 

ainn  eile  a  bha  na  b'  fhortanaiche  na  esan. 

Fhuair  an  duine  ud  a  dhtiil  's  a  dhochas  a 

bhriseadh    seachd    uaire    deug    barrachd 

ormsa,   oir  chaill  esan  a  chothrom  ochd 

uaire  deug  ar  fhichead  agus  cha  robh  mise 

air  mo  dhiultadh  ach  le  fichead  coimhth- 

ional  's  a  h-aon.    Ach  tha  an  t-am  agam 

an  lochan  fhagail,  oir  tha  eagal  orm  ma 

leanas  mi  orm  mar  tha  mi,  gu  'n  tig  e 

fodham  toiseachadh  air  poll  a  thilgeil  air 

an  aingeal,  rud  nach  biodh  idir  freagarrach . ' ' 

Anns  na  bUadhnachan  a  bha  Marcus  Dods 

gun  eaglais  dha  fhein  fhuair  e  cothrom,  is 

ghabh  e  an  cothrom,  air  e  fhein  a  dheanamh 

coimhlionta  ann  am  foghlum,  air  chor  agus 

nach  bu  chall  dha  uile  gu  leir  a  bhi  air  iomain 

o  thom  gu  tom  mar  bha  e.   Tha  da  pheacadh 

a  tha  gu  furasda  ag  iathadh  mu  mhinistearan 

a  bhios  arms  an  t-suidheachadh  anns  an  robh 

esan,  leisg  agus  farmad,  ach  ged  leugh  mi  a 

h-uile  facal  a  sgriobh  e  riamh  chan  fhaca 

mi  uiread  agus  an  coltas  sin   'n  a  leabh- 

raichean.    Bha  e  daonnan  a'  leughadh  agus  a' 

sgriobhadh,  agus  a'  cur  a  h-uile  sgillinn  nach 


robh   a'   dol   ann  am  biadh  ann  an  Icabh- 
raichean. 

Ach  anns  a  bhliadhna  1864  thionndaidh  an 
sruth,  agus  fhuair  e  gairm  o  eaglais  Reniield 
ann  an  Ghlaschu.  Bha  daoine  a'  toiseachadh 
air  a  thuigsinn  nach  bu  duine  cumanta  a 
bha  ann,  agus  idir  idir  nach  bu  mhinistear 
maide  a  bha  ann,  ach  duine  glic,  agus  sgoilear 
maith,  agus  diadhair  eudmhor.  Bha  e  coig 
bliadhna  fichead  ann  an  Glaschu,  agus  mar 
b'  fhaide  a  bha  eolas  aig  muimitir  Ghlaschu 
air,  agus  mar  bu  bhitheanta  a  chluinneadh 
iad  e,  is  ann  bu  mho  am  meas  air.  Ann  an 
1889  bha  e  air  a  thaghadh  le  Ard  Sheanadh 
na  h-eaglais  gu  bhi  'n  a  fhear-teagaisg  air 
Greigis  an  Tiomnaidh  Nuaidh  ann  an  Collaist 
Ur  Dhim-eideann.  An  uair  a  shiubhail  Rainy 
chuireadh  Dods  gu  h-aonsgeulach  'n  a  chath- 
air,  urram  a  b'  airde  a  b'  urrainn  an  eaglais 
Shaor  a  thoirt  do  dhuine  air  bith,  a  chur  ann 
an  aite  Rainy.  Ach  cha  do  mheal  e  am  posta 
sin  ro  fhada  oir  shiubhail  e  ann  an  1909,  aig 
tri  fichead  's  a  coig  deug  a  dh'  aois. 

Gheibh  faidhidinn  furtachd 

Gheibh  airidheachd  a  duals. 


Anns  a'  Chathair 


An  uair  a  ghabh  an  t-Urramach  Niall 
Mac  Pharlain  B.D.  an  influenza  ann  an 
deireadh  an  earraich  bhiodh  an  eaglais 
duinte  air  an  t-Sabaid  mur  bitheadh  gu'n 
robh  ministear  beag  a  Sasunn  ann  an  Cille- 
Sgumain  aig  an  am ;  fear  a  bhiodh  a'  tighinn 
a  h-uile  bliadhna  a  shiubhal  nead,  agus  a 
chruinneachadh  uibhean. 

An  toiseach  cha  robh  na  foirbhich  uile 
gu  leir  cinnteach  co  dhiu  a  bhiodh  e  ceart 
dhaibh  an  duine  ud  a  chur  air  cheann  na 
seirbhis,  duine  a  bha  a  reir  choslais  cho  gorach 
ris  na  balaich  bheaga.  Ach  an  uair  a  chuala 
Seonaid  Eachainn,  aig  an  robh  am  ministear 
beag  a'  fuireach,  ciod  a  bha  na  foirbhich  ag 
radh  chuir  i  puth  as  a  sroin  agus  thuirt  i 
riutha  gu'n  robh  e  na  bu  lugha  goraiche  do 
dhuine  a  bhi  siubhal  an  t-sleibhe  ag  iarraidh 
nead  seach  a  bhi  'n  a  shuidhe  anns  an 
tigh-osda  aig  Tom  Elliott  a'  lionadh  a  chuirp 
le  uisge-beatha.  Dh'  fhas  am  maighstir-sgoil 
dearg  anns  an  aodann,  oir  bha  fhios  aige  gu 
maith  gur  h-ann  air  fhein  a  bha  Seonaid  a' 
peilisteireachd 

Ach  cha  b'e  siubhal  nan  nead  a  bha  cur 
dragh  air  coguis  Iain  Mhic  Coinnich,  am 
foirbheach  a  bu  shine  anns  an  t-Seisein,  ach 
eagal  nach  robh  "  ministear  nan  uibhean," 
mar  theireadh  iad  ris,  fallan  anns  a'  chreid- 
eamh,  oir  bha  amharus  'na  inntinn  gu'n 
robh    muinntir    Shasuinn    agus    luchd    na 


Beurla  air  fad  air  tuiteam  air  falbh  bho 
theasgasg  nan  aithrichean.  "  Air  son  na's 
aithne  dhuinne  mu  thimchioll  an  duine," 
ars  esan  ri  each,  "  nach  faod  e  bhith  nach 
'eil  ann  ach  Arianach,  no  Socinianach,  no 
Sabellianach,  no  ma  dh'  fhaoidte  U.P.  ?  " 

Chuir  so  an  corr  de  na  foirbhich  'n  an  tosd, 
oir  cha  robh  fhios  aca  c6  na  daoine  uamh- 
asach  a  bha  anns  na  h-Arianaich  agus  na 
Sabellianaich,  ach  mu  dheireadh  thuirt 
tuathanach  Bhaile-Sgait  (agus  eagal  air 
gu'n  tigeadh  air  fhein  urnuigh  a  dheanamh 
anns  an  eaglais  mur  faigheadh  iad  ministear 
a  dheanadh  an  t-seirbhis),  nach  deanadh  e 
cron  do'n  choimhthional  eisdeachd  ris  a' 
choigreach  air  son  aon  Sabaid,  oo  dhiu  a 
bha  ann  Ai'ianach,  no  Muileach,  no  Leodh- 
asach.  Bha  a'  cheart  eagal  air  na  foirbhich 
eile  a  bha  air  tuathanach  Bhaile-Sgait,  eagal 
gu'n  tigeadh  orra  fhein  seasamh  air  beulaibh 
an  t-sluaigh  mur  gabhadh  ministear  faotainn, 
agus  bha  iad  toilichte  gu  leoir  cuireadh  a 
thoirt  do  "mhinistear  nan  uibhean"  dol  an 
ceann  na  seirbhis. 

Rinn  an  duine  an  rud  a  dh'  iarr  iad  air 
gu  toileach.  Dh'  innis  e  dhaibh  nach  robh 
dull  aige  an  uair  a  dh'  fhag  e  a  thigh  fein 
gu'n  tigeadh  a  leithid  sud  de  ghairm  air, 
agus  mar  sin  nach  do  chuir  e  searmon  'n 
a   bhaga.      Dh'   innis   e   dhaibh   cuideachd 


ANNS  A'  CHATHAIR 


gu'm  b'  aim  do'ii  caglais  Sliasunnaich  a 
bhuineadh  e,  agus  nach  robh  e  cleachdte 
ri  doighean  na  h-eaglais  Chleireachail,  gu 
sonruichte  a  thaobh  nan  urnuighean.  "  Ach 
is  e  a  ni  mi,"  ars  esan  ris  na  foirbhich, 
"  leughaidh  mi  earrann  de  na  sgriobturan 
dhuibh,  agus  minichidh  mi  iad  mar  is  fhearr 
is  urrainn  mi,  agus  an  sin  iarraidh  sinn 
beannachd  an  Tighearna  air  ar  beaclid- 
smuaineachadh. " 

Latha  mor 

Sin  mar  bha.  Air  la  na  Sabaid,  an  uair 
a  chaidh.  e  suas  do'n  chiibaid,  thug  e  a  mach 
an  t-Salm, 

Tobar  na  beatha  tha  gu  dearbh 

Agad-sa,  Dhia  nan  dul ; 

Is  ann  ad  sholus  dealrach  glan 

Chi  sinne  solus  iuil. 

An  sin  dh'  fhosgail  e  am   Biobull  agiis 

thoisich  e  air  leughadh  ann  an  leabhar  an 

fhaidh  Hosea,  ach  ma'n  deachaidh  e  fad  air 

aghaidh,  thoisich  e  air  innseadh  dhaibh  mar 

chaidh  an  leabhar  a  sgriobhadh ;    mar  bha 

Hosea  air  a  smachdachadh  le  Dia  agus  air 

a    chlaoidbeadh    le    droch    bhean;     mar    a 

theagaisg  Dia  dha  le  fiosrachadh  a  bheatha 

fein  na  nithean  a  labhair  e  an  deidh  laimhe 

ri  Israel;    dh'  innis  e  dhaibh  mu'n  t-suidh- 

eachadh  anns  an  robh  sluagh  an  Tighearna 

aig  an  am,  na  beachdan  a  bha  aca  a  thaobh 

Dhe,  agus  ciod  a  bhi  Dia  a'  feuchainn  ri 

theagasg  dhaibh.    Lean  e  air  mar  sin  da  uair 

an  uaireadair,  greis  a'  leughadh  agus  greis  a' 

mineachadh,  gus  an  deachaidh  e  troimh  'n 

leabhar   uile,   agus   an  sin   rinn   e   iirnuigh 

ghoirid,  is  bha  an  t-seirbhis  criochnaichte. 
******* 

Ged  b'  ann  ann  am  Beurla  a  bha  e  a' 
bruidhinn  thuig  muinntir  Chille-Sgumain 
na  thubhairt  e  cho  maith  's  ged  bhiodh 
e  a'  labhairt  ann  an  Gaidhlig,  agus  ma  dh' 
innsear  an  fhirinn,  bha  e  na  b'  fhasa  a 
thuigsinn  na  Niall  Mac  Pharlaiim  B.D.,  ged 
is  tioram  a  Ghaidhlig.  Ged  tha  Iain  Mac 
Coinnich  car  cumhann,  agus  amharusach  air 
Goill  agus  air  daoine  nach  buin  do'n  aon 
eaglais  ris  fhein,  tha  e  cuideachd  'na  dhuine 
diadhaidh  agus  'n  a  dhuine  caomh,  agus 
fada  m'  an  do  sguir  am  ministear  bu  choma 
leis  CO  dhiu  a  bha  ann  Arianach  no  Etiopach, 
agus  is  e  a  thubhairt  e  ris  na  foirbhich  eile 
an  uair  a  chaidh  iad  a  steach  do  thigh  an 
t-seisein,  "  Nach  robh  ar  cridhe  a'  lasadh 
annainn  an  uair  a  dh'  fhosgail  e  dhuinn  na 
sgriobturan." 

Bha  na  foirbhich  agus  an  coimhthional 
uile  cho  toilichte  leis  an  t-seirbhis  's  a  bha 
Iain  Mac  Coinnich,  agus  thuirt  Calum 
Domhnullach,  am  beadall,  an  deidh  laimhe. 


gu'm  be  sud  a'  cheud  Sabaid  riamh  a 
chuiuiaic  e  eaglais  Chille-Sgumain  gun  duine 
'na  chadal  innte. 

Chan  e  "  ministear  beag  nan  uibhean  "  a 
their  iad  ris  an  duine  ann  an  Cille-Sgumain 
a  nis,  oir  fhuair  iad  a  mach  c6  e,  agus  bheir 
iad  dha  ainm  agus  a  shloinneadh,  Canon 
S.  D.  Marlow,  D.D.  ard-sgoilear  ann  an 
Oilthigh  Chambridge,  a  tha  a'  teagasg  an 
t-Seann  Tiomnaidh  do  mhinistearan  oga. 

Am  Biobull  gun  mhineachadh 

Chan  eil  leabhar  air  an  t-saoghal  a  dh' 
fhuiling  uiread  fo  lamhan  na  feadhnach  a 
tha  a'  teagasg  as  ris  a'  Bhiobull,  agus  cha  mho 
a  tha  leabhar  eile  air  an  t-saoghal  air  a  bheil 
an  fheadhainn  a  bhios  'g  a  chluinntinn  air 
a  leughadh  cho  aineolach.  Anns  an  la  diugh 
tha  miltean  de  dhaoine  nach  'eil  a'  leughadh 
a'  Bhiobull  dhaibh  fein,  agus  aig  nach  'eil  de 
eolas  air  ach  na  tha  iad  a'  togail  an  uair  a 
chluinneas  iad  e  air  a  leughadh  anns  an 
eaglais.  Anns  an  eaglais  cluinnidh  iad  da 
chaibideil  air  an  leughadh  a  h-uile  Sabaid, 
te  as  an  t-Seann  Tiomnadh  agus  te  eile  as 
an  Tiomnadh  Nuadh,  gun  aon  fhacal  air  a 
radh  umpa  a  chur  soluis  orra.  A'  bheil  e 
iongantach,  mata,  gu'm  biodh  troimh-cheile 
ann  an  inntinnean  dhaoine  mu  theagasg  a' 
Bhiobuill,  no  gu'm  biodh  e  do  mhoran 
dhaoine  'n  a  leabhar  gun  bhlas  ?  Gu  fort- 
unach  tha  a'  chuid  as  motha  de'n  Tiomnadh 
Nuadh  'ga  mhineachadh  fein  agus  cho 
soilleir  's  nach  teid  eadhon  na  daoine 
baoghalta  air  seachran  ann,  ach  chan  'eil 
an  Seann  Tiomnadh  mar  sin;  tha  moran 
dheth  cho  dorcha  agus  cho  dealaichte  bho 
smuaintean  dhaoine  anns  an  linn  so  's  nach 
gabh  e  tuigsinn  eadhon  le  daoine  turail  mur 
bheil  na  h-iuchraichean  a  dh'  fhosglas  e  air  an 
toirt  dhaibh.  Is  e  dleasdanas  na  h-eaglais, 
dleasdanas  mhinistearan,  sin  a  dheanamh ; 
agus  chan  abrainn  gu  bheil  ministear  air 
bith  anns  an  la  diugh  a'  coimhlionadh  a 
dhreuchd  mur  bheil  e  a'  fosgladh  nan  sgriob- 
turan gu  cothromach  d'a  shluagh,  agus  a' 
toirt  dhaibh  an  teagaisg  a  tha  e  fein  a'  faot- 
ainn  bho  sgoilearan  diadhaidh  mu'n  Bhiobull. 

Tiugh  dhorchadas 

Bho  chiorni  ghoirid  bha  mi  ann  an  eaglais 
Chille-Sgumain,  ach  cha  b'  e  coigreach  a 
bha  air  cheann  na  seirbhis  ach  Niall  Mac 
Pharlainn  B.D.  e  fein.  "  Leughamaid  "  ars 
esan,  "  facal  an  Tighearna  mar  tha  e  air  a 
sgriobhadh  ann  am  faidheadaireachd  Isaiah," 
agus  gun  aon  lide  mineachaidh  a  dheanamh 
air  leugh  e  so  do'n  choimhthional  — 

Troni  eallach  fdsaich  na  fairge;  mar  dhoinionnaibh 
anns  an  dirde  deas,  a'  dol  seachad;    d'n  fhdsach  tha  e 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR— BAS  CHALUIM-CILLE 


teachd,  o  lliir  nanbhasuich.  Dh'  fhoillsichcadh  sealladh 
eagallach  dhonih;  tha  an  cealgair  a'  caitheadh  feill, 
acjus  tha  am  fear-creachaidh  a'  creachadh.  Bach  suas 
0  Elaim;  teannaich  0  Mhedia;  chuir  mise  crloch  air 
a  h-uile  osnaich.  JJime  sin  lionadh  mo  leasraidh  le 
crddh;  ghlac  piantan  mi  m,ar  phiantaibh  m,na  ri 
saothair-  chloinne.  Bha  mi  air  mo  chromadh  sios,  an 
uair  a  chuala  mi;  dh'  fhds  mi  air  chrith  an  uair  a 
chunnaic  mi.  Chlisg  mo  chridhe ;  chuir  uamhas  fiamh 
arm;  feasgar  mo  sholais  thionndaidh  e  gu  h-uamhunn 
domh.  Deasaich  am  bord ;  suidhich  an  fhaire;  ith;  bl; 
eiribh  a  cheanna-feadhna;  ungaibh  an  sgiath.  Oir  mar 
so  ihubhairt  an  Tighearna  rium,  Imich;  suidhich 
f ear -f aire;  an  ni  a  chi  e  innseadh  e.  Agus  chunnaic 
e  carbad  le  da  mharcach,  carbad  le  asalaibh,  carbad  le 
camhalaibh,  agus  thug  e  fanear  gu  dichioUach  le  geur 
aire.  Agus  ghlaodh  e,  Lebmhan;  Mo  thighcarna,  ta 
m.i  a'  m'  sheasamh  an  cbmhnuidh  ann  am  ionad-faire, 
airfeadh  an  la,  agus  tha  mi  a''  fantuian  air  mofhreiceadan 
re  gach  oidhche.  Agus,  feuch,  an  so  tha  carbad  de 
dhaoinibh  a'  teachd,  le  dd  mharcach.  Agus  fhreagair 
e,  agus  thubhairt  e,  Tha  Babilon  air  tuiteam,  air  tuiteajn, 
agus  tha  uile  dhealbhan-snaidhte  a  diathan  air  am 
briseadh  gu  Idr.  Och  mo  bhualadh  agus  arbhar  m' 
urlair !  an  ni  a  chuala  mi  o  Thighearna  nan  sluagh, 
Dia  Israeil,  chuir  mi  an  ceill  duibhse.  Trom  eallach 
Dhumah.  DK"  eigh  e  rium  o  Sheir,  Fhir  na  faire,  ciod 
7nu'n   oidhche  Fhir  na  faire,   ciod  mu'n   oidhche 

Thubhairt  am  fear-faire,  Tha  a'  mhaduinn  a'  teachd, 
agus  fbs  an  oidhche;  ma  dh'  fhiosraicheas  sibhse, 
fiosraichibh ;  pillibh,  thigibh.  An  fhdistneachd  mu 
thimchioll  Arabia.  Anns  an  fhrith  ann  an  Arabia 
gabhaidh  sibh  tdmh,  a  chuideachda-siubhail  Dhedanim. 
Thug  luchdd-iteachaidh  tire  Thema  uisge  a  dh'  ionnsuidh 
an  tartmhoir;  le  an  aran  thdinig  iad  an  cbdhail  an 
fhbgaraich.  Oir  o  na  cldidhibh  theich  iad,  o'n  chlaidh- 
eamh  riiisgte,  agus  o'n  bhogha  liibta  agus  a  bhoile  a' 
chogaidh.  Oir  mar  so  Ihubhairt  an  Tighearna  rium, 
Fathast  bliadhna,  mar  bhliadhnaibh  fir-thuarasdail, 
agus  bithidh  uile  ghlbir  Chedair  air  caitheadh  as.  Agus 
lughdaichear  fuigheall  aireimh  nam  fear-bogha,  fir 
threuna  de  mhacaibh  Chedair;  oir  labhair  an  Tigh- 
earna Dia  Israeil.    (Isaiah  xxi). 


An  uair  a  chriochnaich  e  an  leughadh 
thuirt  e  "  Gu'm  beannaicheadh  an  Tigh- 
earna dhuinn  leughadh  Fhacail,"  ach  ma 
bha  facal  o'n  Tighearna  anns  a'  bhrochan 
ud  do  dhaoine  eile  anns  an  eaglais,  gu 
cinnteach  cha  robh  e  ann  dhomh  fhein. 

Chan  'eil  aobhar  air  bith  gu'm  biodh 
criomain  de'n  t-seorsa  so  air  an  leughadh 
ann  an  eisdeachd  sluaigh  mar  gu'm  bu 
theachdaireachd  iad  o  Dhia,  agus  cha  tig 
toradh  air  bith  as  an  t-seorsa  crabhaidh  sin 
ach  gu'm  fas  daoine  suarrach  air  a'  Bhiobull, 
agus  gu'n  saoil  iad  nach  'eil  ann  ach  sgriobh- 
aidhean  gun  bhun  gun  bharr. 

luchair  an  Fhacail 

Tha  feum  mor  aig  an  eaglais  an  diugh  air 
daoine  d'  an  aithne  am  BiobuU  a  theagasg 
ann  an  doigh  a  ni  Facal  an  Tighearna  beo 
agus  cumhachdachd,  agus  na'm  biodh  coimh- 
thionailean  glic  air  an  son  fein  cha  taghadh 
iad  duine  mar  mhinistear  ach  duine  d'  an 
aithne  am  Biobull  a  mhineachadh,  daoine 
coltach  ri  Bani  agus  Serebiah  agus  lamin 
agus  Acub  agus  Sabetai,  agus  na  Lebhithich 
a  bha  ann  an  Jerusalem  ann  an  laithean 
Nehemiah  ;  leugh  iad  ann  an  leabhar  lagha 
Dhe  gu  soilleir,  agus  thug  iad  an  seagh 
seachad;    agus  thuig  an  sluagh. 

Cia  meud  eaglais  anns  an  dtithaich  anns 
am  bheil  sin  air  a  dheanamh  an  diugh  1 
Mar  is  trice  cluinnear  deagh  shearmon,  agus 
deagh  sheinn,  agus  urnuighean  freagarrach, 
ach  tha  na  sgriobturan  air  an  droch  leughadh, 
agus  air  am  fagail  gun  fhosgladh. 


Bas   Chaluim-cille 


ANN  an  litreachas  an  t-saoghail  chan  'eil  rud 
eile  as  druidhtiche  na'n  t-iomradh  a  rinn 
Plato  air  bas  Shocrates,  agus  an  cunntas  a 
gheibhear  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  air  bas 
an  t-Slanuigheir.  Ach  tha  mi  an  dull  nach 
'eil  an  t-iomradh  a  rinn  Adhamhnan  air  bas 
Chaluim-cille  fada  air  dheireadh.  orra.  Sin 
an  t-aobhar  gu'm  bu  mhaith  leam  a  chur 
sios  ann  an  Gaidhlig  an  rud  a  sgriobh  esan 
ann  an  Laidionn. 

"  An  deireadh  na  seachduin,  air  la  na 
Sabaid,  chaidh  an  duine  naomh  agus  a 
chompanach  dileas,  Diarmad,a  bheannachadh 
an  t-sabhail  a  bha  dluth-laimh.  An  uair  a 
bheannaich  e  an  sabhal,  agus  da  thorr  sil  a 
bha  air  a  ghlanadh,  thug  e  buidheachas  agus 
thubhairt  e,  Ma  dh'fheumas  mise  am  fagail 
tha  mi  toiJichte  gu'm  bi  aig  mo  mhanaich 
ghaolach  air  a'  bhliadhna  so  a  ris  na 
dh'fhoghnas  dhaibh. 

An  uair  a  chuala  Diarmad  so  thainig 
mulad  air,  agus  thubhairt  e,  "  Athair,  tha 
sibh  a'   deanamh  bhur  cloinne  tursach  am 


bliadhna  le  bhi  ag  radh  cho  trie  gu  bheil 
sibh  a'  dol  'g  ar  fagail." 

Fhreagair  an  duine  naomh,  "  A  Dhiarmaid 
ghaolaich,  tha  rudeigin  diomhair  a  bu  mhaith 
leam  innseadh  dhuit ;  ma  gheallas  tu  nach 
innis  thu  e  do  dhuine  eile  bithidh  e  na's 
fhusa  dhomh  bruidhinn  riut  gu  saor  mu  uair 
mo  shiubhail." 

Air  a  ghluinean  gheall  Diarmad,  mar 
dh'iarr  a  mhaighstir,  agus  an  sin  thubhairt 
an  duine  urramach,  "So  an  la  ris  an  abrar 
la  na  Sabaid  anns  an  Leabhar  Naomh,  facal 
a  tha  a'  ciallachadh  fois.  Gu  fior  is  la  fois 
e  dhomhsa,  oir  is  e  an  la  mu  dheireadh  e, 
agus  gheibh  mi  fois  o  shaothair  throm  mo 
bheatha.  An  nochd  tha  mi  a'  dol  air  slighe 
m'aithrichean  uile,  oir  tha  losa  Criosd  mo 
Thighearn  'g  am  ghairm,  agus  air  a' 
mheadhon-oidhche  bithidh  mo  thriall  'g  a 
ionnsuidh,  a  reir  fhacail.  Dh'fhoillsich  an 
Tighearna  so  dhomh." 

An  uair  a  chuala  Diarmad  gu  robh  uair  an 
Naoimh  a'  teachd  cho  luath  ghuil  e  gu  goirt, 


BAS  CHALUIM-CILLE 


aeh  dh'fheuch  an  duine  iirramach  ri  comh- 
fhurtachd  a  thoirt  dha  mar  a  b'fhearr  a 
b'urrainn  e. 

An  sin  dli'fhag  e  an  sabhal,  a  dhol  air  ais 
do'n  mhanachainn,  ach  stad  e  a  leigeil 
analach  air  an  rathad,  aig  an  aite  anns  an 
robh  Crois  air  a  togail  an  deidh  laimhe  a 
chomharrachadh  an  fhior  aite,  agus  a  tha 
ann  gus  an  la  an  diugh. 

An  uair  a  bha  e  tacan  'n  a  shuidhe,  a' 
leigeil  a  sgiths,  agus  e  air  crionadh  leis  an 
aois,  thainig  an  t-each  ban  far  an  robh  e, 
an  t-each -cleibh  a  bhiodh  a'  giiilan  nan 
soithichean-bainne  o'n  bhathaich  do'n  mhan- 
achainn. Chuir  a'  bhrtiid  a  cheann  gu 
caomhail  ann  an  nchd  an  Naoimh,  mar 
gu'm  biodh  Dia  'g  a  sheoladh,  agus  mar 
gu'm  biodh  fhios  aige  gu  robh  a  mhaighstir 
a'  dol  'g  a  fhagail  gu  goirid,  agus  nach 
faiceadh  e  e  gu  brath  tuilleadh.  Thoisich 
e  air  sitrich  gu  cianail,  agus  bha  deoir  a 
shuilean  a'  tuiteam  air  uchd  Chaluim-cille 
mar  gu'm  bu  duine  e,  a'  caoidh  gu  goirt. 

An  uair  a  chunnaic  Diarmad  so  dh'fheuch  e 
ris  an  each  a  chur  air  falbh,  ach  cha  leigeadh 
an  duine  naomh  leis.  "  Leig  leis,"  ars  esan, 
"  a  dhuilichinn  a  chur  an  ceill  mar  so  air 
mo  bhroilleach,  oir  tha  e  gaolach  orm. 
Ged  is  duine  thusa  aig  a  bheil  reuson  agus 
anam,  cha  bhiodh  fhios  agad  gu  bheil  mo 
chrioch-sa  cho  dluth  mur  innsinn  fein  dhuit 
e,  ach  tha  e  coltach  gu'n  d'fhoillsich  Dia 
do'n  bhruid  air  doigh  air  choreigin,  ged 
nach  'eil  anam  no  reuson  aige,  gu  bheil  a 
mhaighstir  a'  dol  'g  a  fhagail." 

Air  dha  so  a  radh  bheannaich  e  an  t-each 
ban,  a  thionndaidh  air  falbh  bhuaith  le 
ceum  trom. 

An  sin  dh'fhag  e  an  t-aite  anns  an  robh  e 
'n  a  shuidhe,  is  dhirich  e  an  cnoc  a  bha  os 
cionn  na  mainisdir,  agus  an  deidh  dha 
seasamh  greis  bheag  air  a'  mhullach  thog  e 
a  dha  lamh  agus  bheannaich  e  a'  mhainisdir 
ag  radh,  "  Lorn  agus  bochd  's  ga  bheil  an 
t-aite  so,  bithidh  e  fhathast  iomraiteach  agus 
ionmhuinn,  chan  ann  a  mhain  ann  an  siiilean 
righrean  agus  sluagh  na  h-Alba  ach  mar  an 
ceudna  ann  an  stiilean  righrean  agus  sluagh 
coimheach  an  tirean  cein,  agus  bheir  naoimh 
ann  an  eaglaisean  eile  urram  nach  beag  dha. 

An  sin  chaidh  e  sios  o  mhullach  a'  chnuic, 
is  chaidh  e  a  steach  do'n  mhainisdir  far  an 
do  shuidh  e  'n  a  chiiil  bhig  fhein,  a  sgriobhadh 
nan  Salm.  An  uair  a  rainig  e  an  earrann  de'n 
cheathramh  Salm  deug  thar  an  fhichead  far 
a  bheil  e  sgriobhta,  '  Orra-san  a  dh'iarras  an' 
Tighearna  cha  bhi  maith  air  bith  a  dhith,' 
thubhairt  e,  '  aig  bonn  na  duilleig  so  feumaidh 
mi  stad,  criochnaicheadh  Baithean  an  corr.' 

An  uair  a  sgriobh  e  an  rann  ud  air  an 


duilleig  chaidh  e  do'n  eaglais  a  dheanamh 
aoradh-feasgair  do  Dhia,  agus  an  deidh  dha 
sin  a  dheanamh  thill  e  air  ais  d'a  sheomar, 
far  an  do  chuir  e  seachad  an  corr  de'n 
oidhche,  'n  a  shmeadh  air  a  leabaidh  chruaidh 
chloiche,  gun  chlusaig  o  cheann  ach  clach, 
a'  chlach  a  tha  'n  a  seasamh  aig  uaigh  an 
diugh  mar  gu'm  biodh  carragh-chuimhne. 
An  uair  a  bha  e  'n  a  shineadh  anns  an 
t-seomar,  agus  gun  comhla  ris  ach  a  chompan- 
ach  Diarmad,  thug  e  aitheantan  deireannach 
d'a  bhraithrean,  ag  radh,  "  is  e  mo  chomhairle 
dheireannach  dhuibhse,  a  chlann  ghaolach, 
sith  agus  gradh  gun  cheilg  a  bhi  agaibh  am 
measg  a  cheile ;  ma  leanas  sibh  eisiomplair 
nan  aithrichean  naomh  anns  a'  cheum  so 
bithidh  Dia,  Comhfhurtair  dhaoine  ciuin,  'n 
a  fhear-cuideachaidh  dhuibh,  agus  bithidh 
mise,  agus  mo  chomhnuidh  maille  ris,  ag 
ilrnuigh  as  bhur  leth;  agus  bheir  e  dhuibh 
chan  e  mhain  na  dh'fhoghnas  dhuibh  anns  a' 
bheatha  so  ach  bheir  e  dhuibh  mar  an  ceudna 
an  t-ionmhas  siorruidh  a  tha  a'  feitheamh 
orra-san  a  choimheadas  aitheantan." 

Air  dha  so  a  radh,  mar  bha  uair  shona  a 
thriall  a'  tarruing  dluth,  dh'fhan  e  samhach. 
Ach  cho  luath  's  a  bhuaileadh  an  clag  air  a' 
mheadhon-oidhche  dh'eirich  e  gu  grad,  agus 
chaidh  e  do'n  eaglais,  agus  do  bhrigh  gu'n  do 
choisich  e  na  bu  luaithe  na  each  bha  e  leis 
fhein  a'  dol  a  steach  innte,  agus  chaidh  e  air 
a  ghluinean  a  dh'urnuigh  air  beulaibh  na 
h-altarach.  Lean  Diarmad  e  air  a  shocair ; 
m'an  do  rainig  e  an  eaglais  chunnaic  e  gu 
robh  i  air  a  lionadh  le  solus  neamhaidh  far 
an  robh  an  duine  naomh  air  a  ghluinean, 
solus  a  chunnacas  le  feadhainn  eile  de  na 
braithrean  a  bha  'n  an  seasamh  astar  beag 
o'n  eaglais,  ach  an  uair  a  thainig  e  dluth 
chaidh  an  solus  as. 

Mar  sin  air  do  Dhiarmad  dol  a  steach 
do'n  eaglais  ghlaodh  e  le  guth  a  bha  crithean- 
ach  le  iomgain  a  ghaoil,  '  Caite  a  bheil  sibh, 
athair  ?  '  Rinn  e  a  rathad  gu  failidh  a 
dh'ionnsuidh  na  h-altarach,  a'  smeurachadh 
le  lamhan  anns  an  dorchadas,  agus  fhuair 
e  an  Naomh  'n  a  shineadh  aig  an  altair. 
Thog  e  a  cheann  agus  shuidh  e  laimh  ris, 
agus  a  cheann  naomh  'n  a  uchd. 

An  sin  thainig  an  corr  de  na  manaich  a 
steach  do'n  eaglais  'n  an  ruith ;  an  uair  a 
chunnaic  iad  an  athair  a'  basachadh  thoisich 
lad  uile  air  caoineadh.  M'an  do  thilg  e  an 
anail  (bha  so  air  innseadh  le  feadhainn  a  bha 
lathair)  dh'fhosgail  an  Naomh  a  shuilean  gu 
farsuing  agus  sheall  e  mu'n  cuairt  air  o 
thaobh  gu  taobh,  le  aoibhneas  iongantach 
agus  toileachas  air  a  ghntiis  mar  gu'm  biodh 
e  a'  faicinn  nan  ainglean  naomh  a'  tighinn 
'n  a  chomhdhail. 


BAS  CHALUIM-CILLE— DEORSA  CALDER 


An  sin  thog  Diarmad  lamh,  dheas  an 
Naoimh  chum  's  gu'm  beannaicheadh  e  na 
manaich  a  bha  cruinn,  ach  bha  a  mhothach- 
adh  aige  gu  maith  oir  dh'f bench  e  fhein  ri 
lamh  a  thogail,  mar  b'fhearr  a  b'urrainn  e, 
los  gu'm  faiceadh  iad  o  ghluasad  a  laimhe 
gu  robh  e  a'  toirt  le  comharadh  a  bheannachd 
dheireannach  nach  b'urrainn  e  a  thoirt  dhaibh 
am  briathran.  Air  dha  so  a  dheanamh  thug 
e  suas  an  deo. 

An  deidh  d'a  anam  pailliun  a'  chuirp 
fhagail  dh'fhan  rudha  'n  a  aodann,  theagamh 
air  a  dheanamh  na  bu  bhoidhche  leis  an 
t-sealladh  a  fhuair  e  air  na  h-ainglean,  air 
chor  's  nach  robh  coslas  air  a  bhi  marbh  idir 
ach  coslas  a  bhi  beo  agus  'n  a  chadal." 
******* 

Shiubhail  Calum-cille  air  an  naoieamh  la 

de  mhios  meadhonach  an  t-samhraidh,  agus 

air  an  la  sin  a  h-uile  bliadhna  (co  dhiu  o 

chionn  deich  no  dusan  bliadhna)  tha  seirbhis 

ann  an  Eaglais  Mhor  Idhe,  a  chumail  cuimhne 

air  an  duine  bheannaichte.     Chan  'eil  fhios 

agam  c6  a  chuir  ceann  anns  an  obair  an 

toiseach,  ach  tha  mi  an  duil  gu  robh  lamb 

aig  MacBrayne  innte. 

******* 

An  uair  a  thoisicheas  tu  air  cnuasachadh 
air  beatha  agus  obair  Chaluim-cille,  agus  air 
suidheachadb  na  duthcha  agus  cor  nan  daoine 
'n  a  linn,  tha  an  dorchadas  cho  tiugh  's  a  bha 


e  anns  an  eaglais  an  uair  a  chaidh  Diarmad 
a  steach  innte  air  a'  mheadhon-oidhche.  Ach 
CO  aige  tha  fhios  an  deachaidh  e  a  steach 
innte  idir,  ged  thubhairt  Adhamhnan  gu'n 
deachaidh  ?  Ged  is  e  Adhamhnan  a  chuir 
an  cearcall  oir  air  ceann  Chaluim-cille  a  dh' 
fhan  uime  riamh,  leis  na  rolaistean  agus  na 
sgeulachdan  beaga  laghach  a  dh'innis  e 
uime,  chan  'eil  ach  gle  bheag  'n  a  leabhar 
a  chuidicheas  leat  sealladh  ceart  agus  fior 
fhaotainn  air  na  linntean  a  dh'fhalbh.  Ach 
air  a  shon  sin  is  e  a  leabhar  leabhar  cho  sean 
agus  cho  ainmeil  's  a  tha  againn  an  Albainn, 
agus  tha  e  gle  iongantach  nach  robh  e  riamh 
air  a  thionndadh  gu  Gaidhlig.  Cha  mhaith 
an  comharadh  sin  air  sgoilearachd  na  Gaidhlig. 
Ach  b'fhearr  e  a  bhi  air  a  dheanamh  anmoch 
na  gun  e  a  bhi  air  a  dheanamh  idir,  agus 
theagamh  gu  bheil  cuideigin  am  measg  nan 
sgoilearan  oga  a  ghabhas  an  obair  os  laimh. 
A  h-uile  uair  a  smuainicheas  mi  air  Calum- 
cille  agus  air  na  daoine  ris  an  abrar  na 
"  Naoimh,"  tha  fichead  ceist  agus  an  corr 
ag  eirigh  'n  am  inntinn  do  nach  'eil  freagairt 
ri  fhaotainn  ann  an  leabhraichean.  Ach  ged 
tha  gur  de  mhanaich  oga  ann  an  eilean  I 
fhathast  cha  bhiodh  feum  ann  domh  na 
ceistean  sin  a  chur  orra-san,  oir  chan  ann 
air  sgoilearachd  a  tha  an  aire  ach  air 
clachaireachd,  agus  chan  'eil  aca  de  Ghaidhlig 
na  dh'f  heoraicheadh  an  xaAihsidiguPrestonpans. 


De6rsa  Calder,  B.D.^  D.Litt. 

Leis  an  Ollamh  Colla  Ddmhnullach 


RUGADH  agus  thogadh  Deorsa  Calder  aig 
Innis-loin  ann  an  Ceann-chardain.  Ma  bha 
cairdean  agus  coimhearsnaich  aig  baisteadh 
an  leinibh,  agus  b'e  sin  cleachdadh  cairdeil 
an  ama,  sheall  iad  a  sios  slighe  nam  bliadh- 
nachan.  Chunnaic  fear  Deorsa  'n  a  thuathan- 
ach  mor  le  raontan  farsuinn  agus  spreidh 
air  buaile.  Thubhairt  fear  eile  gu'm  biodh 
ann  maighstir-sgoile,  agus  thug  bean  choir 
a  beach d  gu'm  bitheadh  ann  ministear. 
Ach  cha  d'thubhairt  aon  gu'n  coisneadh  e 
cliti  maireannach  mar  sgoilear  Gaidhlig. 

Is  e  a  ghaol  air  ar  canain  agus  a  shaothair 
as  a  leth  a  tha  sinn  a'  cuimhneachadh.  Ach 
air  an  duilleig  so  na  saoileadh  duine  gu'n 
do  chur  e  dreuchd  a'  mhinisteir  ann  an 
suarachas.  Theagamh  nach  beo  duine  ann 
an  Struan  no  anns  a'  Chonnail  do'n  cuimhne 
e,  agus  tha  an  aireamh  a'  tanachadh  ann  an 
Srath-Fhaolain  a  bha  eolach  air. 

Bha  a  theagasg  sean-fhasanta,  soisgeulach, 
agus  bha  bias  agus  dreach  an  fhoghluim  air 
a  shearmoin.  Cha  chuala  mise  riamh  e  a' 
liubhairt  searmoin  Gaidhlig,  agus  dh'abradh 


cuid  gu'n  robh  e  car  tioram  ann  am  Beurla, 
ach  bha  a  theachdaireachd  fallain  briogh- 
mhor  agus  driiidhteach. 

Bha  e  bliadhnachan  d'a  bheatha  a'  toirt 
sia  uairean  deug  a  suas  gach  latha  a'  leughadh 
agus  a'  sgriobhadh  Gaidhlig.  Bha  bias  na 
Beurla  air  a  Ghaidhlig,  agus  cha  b'iongantach 
ged  bha.  Is  ann  an  Strixan  a  choisrig  e  e  fein 
do'n  Ghaidhlig,  agus  gu  latha  a  bhais  bha  e 
dileas  do'n  ghaol  mhor  so.  Cha  robh  a 
thuarasdal  mor  mar  mhinistear-sgire,  ach 
b'fhearr  leis  gainne  bidh  agus  aodaich  ha 
gainne  leabhraichean. 

Thaghadh  e  mar  fhear-teagaisg  Gaidhlig 
ann  an  Oil-thigh  Ghlaschu  ann  an  1912,  agus 
choisinn  e  cairdeas  agus  gean-math  nan 
oileanach  agus  urramaich  an  Oil-thigh.  Is 
e  sgoilearan  a  mhain  a  leughas  cuid  de  na 
leabhraichean  a  sgriobh  e;  no  a  cheartaich 
e,  ach  chuir  e  moran  fo  fhiachaibh  Ic 
leabhraichean  air  Donnchadh  Ban  agus 
Uilleam  Ros.  Bha  bardachd  Iain  Luim 
anns  a'  bheairt  aige,  agus  ma  chuir  e  crioch 
air  an  obair  so  bithidh  moran  taingeil. 


Aireamh  9 


I94I 


A'   Bhunait   Sheasmhach 

Leis  an  Urramach  Tomas  S.  Mac-a-Phearsoin,  an  Ceann-loch 

Agus  an  ceann  tamuill,  thiormaich  an  sruih,  a  chionn  nach  robh  uisge  anns  an  tir. 

I.  Righ  xvii.  7. 


THAINIG  Eliah  a  nail  a  Gilead  le  teach- 
daireachd  o'n  Dia  Uile-chumhachadach. 
Chaidh  sluagh  Israeli  air  seachran.  Rinn 
iad  ceannairc  an  aghaidh,  Dhe,  agus  thainig 
Eliah  a  chum  an  gairm  gu  h-aithreachas  — 
"  Agus  thubhairt  Eliah  ri  Ahab,  mar  is  beo 
an  Tighearna  Dia  Israeli,  an  l^thair  am 
bheil  mise  am  sheasamh,  cha  bhi  's  na 
bliadhnaibh  so  drtichd  no  uisge  arm  ach 
a  reir  m'  fhocail-sa."  B'  e  sin  a  theach- 
daireachd.  Agus  an  deidh  dha  a  liubhairt 
do'n  righ,  dh'  fhalbh  e  agus  dh'  fholuich  se 
e  fein  IMmh  ri  sruth  Cherit.  Agus  thoisich 
Dia  air  Eliah  uUachadh  air  son  na  h-ath 
ehuid  de  'n  obair  a  dh'  earbadh  ris.  Bha 
Dia  a'  teagasg  Eliah. 

An  leabhar  coitchionn. 

Chan  'eil  e  coltach  gun  d'  fhuair  Eliah 
foghlum  ann  an  sgoil  no  arm  an  Collaisd. 
Cha  robh  a  bheag  de  leabhraiehean  's  an 
t-saoghal  aig  an  am.  Ach  tha  iomadh  doigh 
aig  Dia  air  daoine  a  theagasg,  agus  tha  aon 
leabhar  arm  a  tha  fosgailte  bho  thoiseach  an 
t-saoghail,  sgriobhta  ann  an  c^nain  a  dh' 
fhaodas  na  h-uile  a  leughadh,  leabhar  as  am 
bheil  sinn  uile  a'  faotainn  leasain  gach  latha 
d'  ar  beatha,  fiosrachadh  agus  eachdraidh  na 
daonachd  air  thalamh.  Tha  spiorad  Dhe  a' 
foillseachadh  teagasg  an  leabhair  so  do  gach 
neach  a  dh'eisdeas.  Theagaisg  Dia  Eliah  a 
sruth  a  thiormaich  suas. 

Feadh  na  tire  gu  leir  bha  Dia  a'  teagasg 
dhaoine  air  a'  mhodh  cheudna.  Bha  gach 
fear  is  bean  is  leanabh  air  an  ruith  cheudna, 
anns  an  aon  sgoil  ri  Eliah.  Latha  'n  deidh 
latha,  gus  an  do  shin  na  seachduinean  's  na 
miosan  gu  bliadhnachan,  dhian-loisg  na 
speuran  mar  amhuinn,  chrion  gach  lus  agus 
bileag  fheoir  air  na  machraichean,  agus  cha 
robh  creutair  beo  nach  robh  ocrach  agus  air 
thart.  Cha  robh  ach  aon  fhacal  air  bilean 
an  t-sluaigh,  agus  b'  e  am  facal  sin  "  Gorta." 
Cha  robh  ach  an  aon  chuspair  smuain  feadh 
fad  agus  farsuingeachd  na  tire,  agus  b'  e  sin 
am  Bas. 

Car  son  a  thainig  an  t-uamhas  so  air  an 
tir  ?    Tha  e  soilleir  gu'm  b'e  so  smachdachadh 


Dhe  air  sluagh  a  chuir  ciil  ris.  Thug  siad 
iad  fein  thairis  do  spiorad  an  t-saoghail. 
Tha  sinn  a'  leughadh  mu  laoigh  oir  aig  Dan 
agus  aig  Betel  agus  mu  dhoireachan  do 
Astarot.  Theagamh  gu'n  abair  cuid  gu 
bheil  na  seann  sgeulachdan  so  fad  air  falbh 
o  na  laithean  's  am  bheil  sinne  beo,  agus 
nach  'eil  eolas  ri  fhaotainn  uapa  a  thaobh 
suidheachaidh  an  1^  diugh.  Ach  chan  'eil 
atharrachadh  ann  an  n^dur  na  daonachd. 
Thig  caochladh  air  ainmean,  air  canainean, 
's  air  cleachduidhean.  'S  fhada  bho  'n  a 
chaidh  as  do  na  h-aiteachan  ris  an  abrar 
Dan  agus  Betel  agus  Samaria,  ach  tha, 
mar  gum  b'  eadh,  Lunnainn  agus  Paris 
agus  New  York  agus  Berlin  air  eirigh  air 
an  laraichean,  agus  anns  gach  aon  diubh, 
agus  ann  am  mile  baile  eile,  mor  agus  beag, 
tha  aoradh  air  a  dheanadh  do  Bhaal  agus 
do  Astarot.  Chuir  an  droch  spiorad  cleoca 
hr  air,  ach  's  e  an  aon  droch  spiorad  a 
tha  ann. 

Laoigh  dir. 

Chuireadh  suas  na  laoigh  oir,  agus  na 
h-altairean  anns  na  doireachan,  a  chionn 
gu'n  do  dh'  fh^s  daoine  sgith  de  Dhia. 
Chaidh  an  seann  chreideamh  a  thug  comh- 
fhurtachd  is  misneach  do  na  h-athraichean 
a  cleachdadh.  "  Na  rachamaid  tuilleadh 
do  thigh  Dhe,"  ars  iadsan.  Gheibh  sinn 
sasachadh  ar  n-aignidhean  air  slighean  eile. 
Dh'  fhaodadh  an  sgeul  a  bhi  air  a  h-innseadh, 
le  atharrachadh  beag  's  na  h-ainmean  mu  'n 
latha  's  am  bheil  sinn  fhein  beo.  B'e  Baal 
dia  na  muinntir  a  rinn  aoradh  do  mhoralachd 
agus  cumhachd  agus  bearteas  agus  ardan  an 
t-saoghail.  B'i  Astarot  ban-dia  gach  seorsa 
de  ana-measarrachd  anns  am  bi  clann  an 
t-saoghail  a'  gabhail  tlachd. 

B'e  dtirachad  Ahaib  a  bhi  bearteach.  B'e 
iarrtus  an  rioghachd  a  steidheachadh  air 
bunait  laidir,  agus  thug  e  ionnsuidh  air 
malairt  ri  rioghachdan  eile.  B'e  Phenicia 
no  Syria  an  rioghachd  a  bu  chomharraichte 
aig  an  am,  agus  bha  a  bailtean-puirt,  Tirus 
agus  Sidon,  ainmeil  a  thaobh  luingeis  agus 
cabhlach    mara,    feadh   thirean    na    Fairge 


2 


A'  BHUNAIT  SHEASMHACH 


Mhoir.  Rinn  Ahab  ctiinhnant  ri  rigli  Phenicia, 
agus  a  chum  an  cumhnant  a  dhaingneachadh 
phos  e  lesebel  ban-phrionnsa  de  rioghachd 
Phenicia.  B'e  cuid  de  'n  tochradh  a  thug  i 
dhachaidh  ceithir  cheud  de  shagartan  Astaroit 
a  shuidh  aig  a  bord  fhein.  Cha  b'  fhada  gus 
an  deachaidh  aoradh  an  Dia  fhior  a  cleachd- 
adh  ann  an  ctiirt  Ahaib,  agus  mar  rinn  na 
Prionnsachan,  mar  sin  rinn  an  sluagh. 

Chaidh  Dia  Israeil  a  cuimhne  agus  thainig 
a'  Ghorta,  agus  thainig  stad  air  malairt  's 
air  feala-dh^  a'  chomuinn  an-diadhaidh  ud. 
Thoisich  iad  air  eisdeachd  a  thoirt  do  na 
rabbaidhean  a  bha  ag  eigheach  riutha  as  na 
tobraichean  tiorma.  Tha  buannachd  spiorad- 
ail  daonnan  ann  an  doilghios  agus  ann  an 
calldachd  a  cho-eignicheas  daoine  gu  bhi  ag 
eisdeachd  ri  rabhaidhean  Dhe. 

Sguab  an  "  Cogadh  Mor  "  thairis  air  an 
t-saoghal,  agus-dh'  fhag  e  'n  a  luib  leir-sgrios 
agus  bron.  Bha  duil,  nuair  a  thainig  crioch 
air  gu'n  do  chuir  an  Cogadh  Mor  crioch 
air  cogadh.  Ach  cha  do  chuir  an  Cogadh 
Mor  crioch  air  gamhlas  agus  sannt  agus 
mi -run,  no  air  na  h-anamiannaibh  eile  as  am 
bheil  cogadh  ag  eirigh.  Cha  do  chuir  cogadh 
riamh  crioch  orra  sin,  agus  cha  chuir.  Cho 
fad  's  a  mhaireas  an-diadhaidheachd,  bithidh 
clann  nan  daoine  a'  deasachadh  nan  innealan 
sgriosail  gu  mort  is  bas  air  muir  's  air  tir. 
Tha  sinn  a'  faicinn  amhghair  is  doruinn 
cogaidh  a  rithist  air  an  leigeil  fa  sgaoil 
feadh  an  t-saoghail ;  agus  tha  cuid  a'  feoraich 
"  Cait'  a  nis  am  bheil  Dia  ?  "  Tha  an- 
diadhaidheachd  an  t-saoghail  a'  toirt  truaighe 
air  na  rioghachdan  agus  nuair  a  tha  breith- 
eanas  ceart  an  Tighearna  a'  ruigheachd  oirnn, 
tha  daoine  a'  farraid  "C  aite  am  bheil  ceartas 
agus  trocair  Dhe  ?  "  Gheibh  sinn  fuasgladh 
na  ceisde  ma  dh'eisdeas  sinn  ri  ghuth.  Rinn 
sinn  di-chuimhne  air  Dia,  agus  tha  barrachd 
gr^idh  aig  Dia  dhuinn  na  gu'n  leig  e  leinn 
anns  an  olc. 

Fiosrachadh  eagalach. 

B'  aithne  do  Eliah  sin.  Thiormaicheadh  a 
h-uile  sruthan  agus  tobar  anns  an  duthaich 
ach  an  sruthan  so,  sruth  Cherit.  Chan  fhaod 
e  bhith  gu'n  tiormaich  sin.  Maduinn  agus 
feasgar  thug  na  fithich  aran  agus 
feoil  d'  a  ionnsuidh,  agus  dh'  61  e  as  an 
t-sruth.  Tha  gorta  agus  bas  feadh  na  tire, 
ach  chan  'eil  cion  air  Eliah.  Faicibh  e  a' 
sraideamachd  air  ais  's  air  aghaidh  'n  a 
ghleannan  uaigneach,  seasgair ;  a'  deanamh 
gairdeachais  a  chionn  's  gu'n  d'  thainig  am 
fiosrachadh  eagalach  so  air  sluagh  ceann- 
airceach.    Ach  an  ceann  beagan  tiine  thug  e 


fainear  gu'n  robh  uisge  Cherit  a'  fas  na  bu 
lugha,  agus  mu  dheireadh  thiormaich  an 
sruth,  "  a  chionn  s  nach  robh  uisge  anns  an 
tir." 

Is  bitheanta  tha  a'  cheisd  a'  togail  cinn — 
"C  aite  am  bheil  ceartas  Dhe,  nuair  a  tha 
an  duine  ionraic  's  an  aon  bhreitheanas  ris 
an  aingidh.  Bha  e  ceart  gu'n  tiormaicheadh 
na  sruthan  aig  luchairt  Ahaib,  ach  gu'n 
tiormaicheadh  an  sruth  air  Eliah — 's  ann  a 
bha  an  sin  ni  eile  !  Cha  robh  uisge  's  an  tir, 
agus  bha  Eliah  air  an  aon  chor  ri  each. 
Nuair  a  thig  leir-sgrios  air  an  t-saoghal 
buailidh  i  air  an  ionraic  cho  cinnteach  ris 
an  aingidh. 

Leasan  dr. 

Bu  leasan  ur  do  Eliah  so.  Cha  do  thuig 
e  gus  a  nis  "  Gur  buill  d'a  cheile  sinn."  Dh' 
fhag  e  an  t-aite  seasgair,  fasgach,  agus 
chaidh  e  a  mach  feadh  na  tire.  Acrach  is 
tartmhor,  thuig  e  fulangasan  an  t-sluaigh. 
B'  aithne  dha  a  nis  'n  a  choluinn  fhein  ciod 
e  an  ni  "  Gorta."  Dh'  eirich  truas  mor  'n  a 
chridhe,  agus  cha  b'  fhada  gus  an  d'  fhuaras 
e  air  Carmeil  ag  asluchadh  air  Dia  as  leth 
an  t-sluaigh. 

Tha  an  teagasg  a  tha  againn  anns  an 
sgeul  so  a'  tighinn  gu  maith  dliith  air  ar 
suidheachadh  an  diugh.  Chan  'eil  cridhe  'n 
ar  measg  gun  iomaguin.  Ann  an  iomadh 
dachaidh  tha  bron  is  briste-cridhe  air  an 
son-san  a  dh'  fhalbh  agus  nach  till.  Chan 
aithne  do  neach  sam  bith  gu  de  dh'  fhaodas 
a  bhi 's  an  dan  duinn.  Bitheamaid  cinnteach 
a  aon  ni.  Is  e  Dia  Eliah  a  tha  fhathast  a' 
riaghladh  a'  chruthachaidh.  Tha  breitheanas 
ceart  an  Ti  as  airde  follaiseach  do  na  h-uile 
aig  am  bheil  stiilean  a  chum  faicinn  agus 
cluasan  a  chum  eisdeachd.  Tha  tighean 
aoraidh  an  Gaidhealtachd  's  an  Galldachd 
leth-fhalamh  air  latha  naomh  an  Tighearna  ; 
an  sluagh,  agus  moran  diubh  'n  an  luchd- 
aideachaidh  a'  tionndadh  na  Sabaid  gu  latha 
feill.  Tha  luchd-aoraidh  Bhaail  agus  Astaroit 
cho  dealasach  's  cho  ard-inntinneach  's  a 
bha  iad  riamh.  Bitheamaid  air  ar  faicill. 
"  Na  meallar  sibh  "...  cha  deanar  fanoid 
air  Dia."  Thachair  e  fo  shean  agus  tha  an 
earail  fhathast  'g  ar  ruigheachd,  "  Tha 
Ephraim  ceangailte  ri  iodhalaibh.  Leigibh 
leis."  Nar  leigeadh  Dia  gu'n  tachradh  do'n 
tir  so  againne  mar  a  thachair  do  rioghachdan 
's  na  IMthean  a  dh'fhalbh.  Tha  dochas 
dhaoine  an  diugh  suidhichte  air  armailtean, 
cabhlach  mar  a,  gunnachan  mora,  innealan- 
sgriosaidh.  Gu  de,  saoil  thu,  tha  an  Sl^nuigh- 
ear  ag  r^dh  mu  bhonn  ar  dochais  ?  Eisd 
ri  fhacal  fhein  "Gach  uile  neach  a  chluinneas 


A'  BHUNAIT  SHEASMHACH— CINNEACH  LETH-ARMAICHTE 


mo  bhriathran  agus  nach.  coimhlion  iad 
samhjaidhear  e  ri  duine  amaideach  a  thog 
a  thigh  air  a'  ghainneamh,  agus  thiiirling  an 
t-uisge,  agus  thainig  na  tuiltean  agus  sheid 
na  gaoithean,  agus  bhuail  iad  air  an  tigh 
sin,  agus  thuit  e,  agus  bu  mhor  a  thuiteam." 

Tha  rabhadh  anns  na  facail  sin  do  na 
h-uile  rioghachd,  do  Bhreatunn  cho  maith 
ris  a'  Ghearmailt.  Mur  dean  sinn  Criosd 
agus  a  theagasg  ar  bunait,  tuitidh  tigh- 
comhnuidh  ar  beatha,  oir  "  bunait  eile  chan 
urrainn  duine  sam  bith  a  leagadh  ach  am 


bunait  a  leagadh  cheana,  eadhon  losa 
Criosd." 

Suidhichte  air  a'  bhunait  so,  thigeadh  na 
dh'  fhaodas,  seasaidh  sinn  latha  na  h-airce. 
Tha  e  sgriobhta  mu'n  timchioU-san  a  tha 
air  an  steidheachadh  air  Criosd  "  Cha  sgriosar 
iad  agus  cha  spion  cumhachd  sam  bith  as  mo 
laimh  iad." 

Suidhichte  air  Criosd,  bithidh  na  speuran 
OS  ar  cionn  dealrach  le  geallaidhean  Dhe,  oir 
is  e  an  Dia  bith-bhuan  ar  tearmunn,  agus 
fodhainn  tha  na  g^irdeanan  siorruidh. 


Cinneach  Leth-armaichte 

Leis  an  Urramach  A.  D.  Mac  Ghill-eathain,  an  Aird-ghobhar 


THUBHAIRT  Mghr.  Churchill  iomadh  uair 
gu'n  robh  Breatunn  leth-armaichten  uair  a 
thoisich  an  cogadh  oillteil  so,  agus  bha 
e  ceart  gu  leoir,  oir  tha  a  bhuil  's  a  bhlath 
a  nis. 

Gus  o  chionn  ghoirid  co  dhiu,  bha  ar 
dtithaich  coltach  ri  duine  ann  an  caonnaig 
a'  tabaid  leis  an  dara  lamh  ceangailte  air  a 
chiilaibh.  Ach  tha  atharrachadh  a'  tighinn 
air  a'  chtiis :  chuir  ar  luchd-riaghlaidh 
muinntir  na  diithcha  an  greim  a  chum 
armachd  a  dheanamh.  Anns  gach  cearn 
de'n  tir  tha  daoine  ag  obair  a  latha  's  a 
dh'oidhche,  a  Shabaid  's  a  Shathurn,  a'  cur 
ri  cheile  gach  innleachd-cogaidh.  Agus 
barrachd  air  na  thatar  a'  deanamh  's  an 
duthaich  so  fhein  tha  bualadh  nan  ord  agus 
gleangarsaich  nan  cuibhlean  ri'n  cluinntinn 
anns  gach  ce^rn  a  dh'  America-  agus  de 
Chanada ;  seadh,  agus  anns  gach  baile  's  an 
lompaireachd  uile,  a'  deasachadh  asaig- 
chogaidh.  Tha  Churchill  agus  a  luchd- 
cuideachaidh  airidh  air  cliu  a  thaobh  an 
dilseachd  ann  an  armachadh  na  rioghachd. 

Ma  tha  feum  aig  Breatunn  air  armachd 
's  air  eideadh  talmhaidh  chum  buadha,  tha 
feum  aice  air  armachd  spioradail  mar  an 
ceudna.  Ma  tha  e  fior  gu'm  bheil  ar  cuis 
ceart  agus  dligheach,  tha  sinn  a'  gleacadh 
chan  ann  a  mhain  ri  full  agus  ri  feoil,  ach  ri 
aingidheachd  spioradail  an  ionadaibh  arda. 
Is  e  a'  cheist,  ma  ta,  am  bheil  ar  duthaich 
l^n  armaichte  ann  an  doigh  spioradail  ?  Ma 
tha  sinn  a'  stri  air  son  fireantachd,  ceartais, 
agus  beusachd,  anns  an  t-saoghal,  nach  coir 
gairm  air  Dia  a  tha  air  fhoillseachadh  dhuinn 
mar  Righ  na  Firinn  ! 

Cha  do  rinn  an  Axd-riaghladh  dearmad  air 
an  taobh  so  de'n  uUachadh.  Uair  no  dha 
ghairm  ar  Righ  air  an  t-sluagh  tighinn  gu 
Dia  ann  an  ilrnuigh  's  ann  an  eadar-ghuidhe. 


Ciod  e  an  f hreagairt  a  thug  an  sluagh  ? 
Deagh  f hreagairt,  areiraithris.  Thainig  meall 
dhaoine  an  ceann  a  cheile  anns  na  h-eaglais- 
ean  agus  anns  na  h-aitean-aoraidh.  Ach  an 
d'thainig  an  cinneach  uile  comhla  ann  an 
lathair  Dhe  ?  An  deidh  dhuinn  lethsgeul  na 
feadhnach  nach  b 'urrainn  saorsa  fhaotainn 
o'n  obair  dhligheach  a  ghabhail,  agus  nan 
euslan,  feumaidh  siim  aideachadh  gu'm 
bheil  aireamh  mhor  de'n  chinneach  aig  nach 
'eil  suim  do  nithean  spioradail.  S'e  sin  ri 
radh,  gu'm  bheil  an  t-armachadh  talmhaidh 
a'  meudachadh,  ach  nach  'eil  an  t-arraachadh 
spioradail  a'  cumail  ceum  ris. 

Mar  sin  tha  oidhirp-chogaidh  ar  Cinnich 
air  a  bacadh  ann  an  cuid,  ged  tha  mor-f  heum 
againn  air  gach  sochair  agus  neart,  saoghalta 
agus  spioradail.  Mur  bi  spiorad  agus  mac- 
meamna  an  duine  air  a  bheathachadh  agus 
air  a  bhi'osnuchadh,  chan  urraimi  da  gniomh 
no  euchdan  a  dheanamh,  agus  is  math  tha 
fios  aig  a'  Ghearmailteach  air  an  so.  Tha 
saobh-chreideamh  aige-san  a  tha  'g  a  chumail 
suas,  's  e  sin,  aoradh  Hitler  agus  spiorad 
"  Nazism."  Is  e  cumhachd  an  dorchadais 
a  tha  an  so  gun  teagamh,  ach  tha  e  a' 
oo-eigneachadh  na  Gearmailt  seasamh  ri 
cruadal,  agus  lagh  Dhe  is  dhaoine  a  bhriseadh 
gun  amharlis,  gun  eagal. 

Na'n  robh  an  dtithaich  so  cho  dileas  do 
Dhia  agus  do  Chriosd  's  a  tha  a'  Ghearmailt 
do  Hitler,  bhitheadh  cumhachd  na  b'fhearr 
aice,  cumhachd  a  bhriseadh  "  an  Nazi  "  'na 
bhloighdean.  Car  son  nach  'eil  an  cumhachd 
so  againn  ?  car  son  nach  'eil  Breatunn 
fhathast  air  a  Ian  armachadh  's  an  spiorad  ? 

Tha  cuibhrionn  nach  'eil  beag  'n  ar  measg 
a  tha  deanamh  tair  air  a'  chreidimh  Chriosd- 
uidh.  Tha  iad  a'  sealltuinn  air  creidimh,  air 
aoradh,  air  iunuigh,  mar  ghisreagan,  mar 
fhaoineis.     Leth-fhoghluimte  ann  an  ealain 


CINNEACH  LETH-ARMAICHTE— lOSA  ANN  AN  GETSEMANE 


na  linn  so  agus  ann  am  feallsanachd  an 
t-saoghail,  chaill  iad  an  creideamh  anns  an 
Dia  bheo,  agus  tha  iad  de'n  bheachd  gu'n 
do  chruthaicheadh  an  Cruinne-ce  le  tuiteam- 
as,  agus  nach  'eil  ni  os  an  cionn  no  rompa 
ach  dorchadas. 

"  Itheamaid  agus  olamaid,  their  iadsan, 
oir  am  maireach  gheibh  sinn  am  b^s." 

Tha  cuid  eile  ann  a  tha  direach  coma  a 
thaobh  nithean  spioradail.  Cha  chuir  iad 
dragh  sam  bith  orra  fein  a  shireadh  nithean 
an  spioraid,  oir  tha  iad  sasuichte  gu  leoir 
leis  an  t-saoghal  so. 

Is  e  an  treas  buidheann  an  dream  a  ta 
aineolach.  Chan  'eil  eolas  aca  air  Dia  no  air 
creidimh,  ged  a  rugadh  's  a  thogadh  iad  ann 
an  duthaich  Chriosdail.  Faodaidh  gu'm 
bheil  a'  choire  aig  am  parantan  no  aig  an 
eaglais,  no  aig  rud  sam  bith  eile,  ach  co 
dhiu,  tha  iad  airidh  air  truas  o  gach  Criosd- 
uidh  an  aite  ditidh. 

Tha  na  tri  seorsachan  dhaoine  so  a' 
lagachadh  neirt  spioradail  ar  cinnich,  ma 
dh'fhaoidte  gun  fhios  daibh  fein.  Chan  'eil 
e  fursada  an  ni  so  a  leigheas  le  gliocas  an 
duine,  ach  aon  ni  is  urrainn  gach  Criosduidh, 
an  taobh  a  stigh  agus  an  taobh  a  mach 
de'n  Eaglais  a  dheanamh ;    's  e  sin,  tirnuigh 


a  chur  suas  gach  latha  gu'n  toireadh  Dia  an 
duthaich  so  gu  h-iomlan  d'a  ionnsuidh  fein, 
chum  agus  gu'm  bi  i  14n-armaichte  agus 
airidh  air  buaidh.  Nach  fhaod  e  bhith,  gur 
h-e  urnuigh  dhurachdach  an  t-sluaigh  a 
thionndas  a'  mheigh  gu  taobh  a'  cheartais, 
agus  a  bheir  buaidh  agus  sith  dhuinne  a  tha 
air  ar  trom  dheuchainn. 

Feumaidh  sinn  ni  na's  treise  na  obair  nan 
tighean-cluich  agus  nan  jtighean-dhealbh,  no 
faoineis  na  "  radio,"  g'ar  neartachadh  an 
aghaidh  saobh-chreidimh  Hitler.  Ciod  e  is 
treise  na  Soisgeul  losa  Criosd,  le  ghairm  gu 
aithreachas  agus  gu  ath-nuadhachadh  ? 

Nach  bu  dual  do'n  Ghaidheal,  le  leirsinn 
spioradail,  a  bhi  air  thoiseach  ann  an  armach- 
adh  spioradail  ar  diithcha  ? 

Thubhairt  Pitt  ann  an  am  a'  chruadail, 
"  Dh'iarr  mi  treunachd  agus  dilseachd,  agus 
fhuair  mi  iad  feadh  mhonaidhean  na 
h-^irde  tuath,"  agus  tha  na  beusan  sinn  ann 
fhathast. 

Fhad  's  a  tha  na  beartan  air  ghleus  a' 
deanamh  ghunnachan  agus  itealach,  bitheadh 
gach  Criosduidh  anns  gach  Eaglais  gu  trie 
air  a  ghliiinean  a'  deanamh  armachd  spiorad- 
ail, oir  air  a'cheann  mu  dheireadh  is  e  Dia 
a  shaoras  sinn. 


losa  ann  an  Getsemane 


BHA  a'  ghrian  a'  dol  fodha  an  uair  a  chaidh 
mi  sios  do  gharradh  Ghetsemane  far  an  robh 
dochas  agam  gu'n  tachrainn  air  losa. 

Bha  an  t-aite  cho  s^mhach  ris  an  uaigh; 
cha  chluinnteadh  ann  aon  diog  de  ghleadh- 
raich  a'  bhaile,  agus  bha  e  uile  gu  leir  cho 
taitneach  's  nach  cuireadh  e  ionghnadh  ort 
ged  bhiodh  Dia  fein  air  flhaicinn  ann,  a' 
coiseachd  ann  an  samhchair  agus  ann  am 
fionnarachd  an  fheasgair. 

Bha  mi  greis  mar  sin,  ag  61  a  steach  maise 
an  t-saoghail,  an  uair  a  dh'  fhairich  mi  l^mh 
air  a  leagail  air  mo  ghualainn.  Co  a  bha  ann 
ach  losa,  ach  a'  cheud  shealladh  a  fhuair  mi 
air  'aodann  thuit  mo  chridhe  gu  ruig  mo 
sh^iltean,  oir  bha  sgeul  mo  leiridh  'n  a 
shuilean.  An  uair  a  chunnaic  e  gu'n  do 
ghabh  mi  seorsa  de  eagal  chrom  e  agus 
phog  e  mi,  agus  gun  a  Ikmh.  a  thogail  bharr 
mo  ghuailne  dh'  fheoraich  e  dhiom  ciamar 
a  bha  dol  dhomh.  Cha  b 'urrainn  mi  a 
fhreagairt,  oir  chuimhnich  mi  an  turus  air 
an  d'  thainig  mi,  agus  n^ire  orm. 

"  losa,"  thubhairt  mi,  agus  mi  a'  glacadh 
misnich,  "  thainig  mi  'g  ad  chur  'n  ad  earalas 


agus  a  thoirt  rabhaidh  dhuit.  Chunnaic  mi 
Caiaphas,  agus  tha  an  Ian  am  agad  teich- 
eadh."  Theannaich  a'  ghreim  air  mo  ghual- 
ainn agus  fhreagair  e. 

"  C  kite  an  teichinn  ?  Cia  mar  a  theicheas 
duine  o  thoil  Dhe..  Ma  dhireas  mi  gu  neamh 
tha  a  lamh-san  tharam,  agus  ma  theid  mi 
sios  do  ifreann,  tha  e  an  sin  cuideachd." 

An  uair  a  chuala  mi  e  a'  bruidhinn  mar 
so  bha  fhios  agam  gle  mhaith  nach  rachadh 
agam  air  a  thoirt  leam, 

"  Bidh  tu  air  do  mharbhadh,  ma  dh' 
fhanas  tu,"  thuirt  mi  ris. 

"  Treoraichidh  Dia  mi,"  fhreagair  e, 
"  eadhon  gu  bas."  Bha  e  air  chrith,  agus 
thainig  crith  orm-sa  cuideachd  leis  an  eagal. 

"  Tha  m'  anam,"  ars  esan,  "  fo  iomguin 
ach  ciod  is  urrainn  mi  a  dheanamh  ?  Rinn 
mi  m'  tirnuigh  ri  Dia  e  'g  am  the^rnadh, 
ach  is  coltach  gur  e  so  a'  chrioch  a  dh' 
orduich  e  dhomh.  Liubhair  mi  do'n  t-saoghal 
an  teachdaireachd  a  thug  esan  dhomh,  agus 
ma  tha  am  bas  's  an  d^n  dhomh  feumxiidi.  e 
bhith  gur  e  sin  toil  Dhe.    Ann  an  umhlachd 


lOSA  Aim  AN  GETSEMANE 


dhasan  tha  beatha  an  anama.  Ach  tha  mi 
fo  eagal." 

Bhruchd  braoineanan  falluis  a  mach  air 
'aodann,  ach  cha  b'  urrainn  dhomhsa  a 
chuideachadh ;  cha  b'  urrainn  dhomh  ach 
a  bhi  s^mhach. 

"  Tha  Dia  air  mo  threigsinn,"  ars  esan, 
"  tha  mi  air  an  t-solus  a  chall  agus  cha  leir 
dhomh  a  ruintean.  Tha  eagal  a'  bhais  'g 
am  phianadh,  ach  ged  a  ghlaodhas  mi  ri 
Dia  cha  fhreagair  e.  Tha  ^mhgharan  'g  am 
chuartachadh  air  gach  taobh  ach  chan  'eil 
neach  ann  a  chuidicheas  mi." 

Bha  de  ghaol  agam  air  agus  gu'n  do  leon 
a  bhron  mo  chridhe  mar  gu  robh  mi  fhein 
ann  an  impis  dol  sios  do  shlochd  dorcha  na 
h-eigin. 

"  Is  coir  dhuinn,"  thubhairt  e,  "  gabhail 
ri  tiodhlacan  Dhe,  agus  ma's  e  am  b^s  an 
tiodhlac  a  tha  Dia  a'  tairgsinn  dhomhsa  an 
e  nach  gabh  mi  e  ?  Gabhaidh  le  m'  uile 
chridhe."  Ach  an  ath  mhionaid  chaidh  e 
air  aghaidh,  "  Fhuair  mi  daoine  air  mhisg 
agus  gun  ghin  idir  air  an  robh  tart  na 
corach.  Dhoirt  mi  a  mach  m'  anam  air  an 
son  ach  cha  d'  thug  iad  fainear.  O  mo 
shluagh  ciod  a  rinn  mi  oirbh  nach  grMhaich 
sibh  mi  ?  Tha  bron  air  m'  anam  a  chionn 
gu  bheil  sibh  dall  'n  'ur  cridhe." 

Bha  fhallus  a'  tuiteam  sios  air  aodann 
agus  shiab  e  e  air  falbh  le  mhuilcheann. 

"  Nochd  mi  do  dhaoine  slighe  na  beatha 
ach  cha  lean  iad  mi.  Roghnaich  iad  Fuath 
an  aite  Graidh,  agus  ciamar  is  urrainn  mi 
a  nis  an  saoradh  o'n  ^mhghar  a  thig  orra 
an  lorg  an  amaideis.  Chan  'eil  fhios  aca 
ciod  a  tha  iad  a'  deanamh.  Chan  ann  rium-sa 
a  tha  iad  a'  cur  cixl  ach  ri  Dia."  An  sin 
chaidh  e  ceum  air  aghaidh  agus  sheas  e  greis 
mhaith  gun  facal  a  radh  ach  a'  sealltainn  a 
null  air  bearmtan  Mhoaib  a  bha  a'  cur  orra 
an  currachd-oidhche,  agus  air  baile  lerusalem 
a  bha  shios  fodhainn  agus  e  cho  buidhe  ris  an 
or  leis  na  gathan  mu  dheireadh  o'n  ghrein  a 
bha  dol  fodha.  Thoisich  e  an  sin  air  spaisd- 
earachd  agus  chuala  mi  e  ag  radh  mar  gu'm 
biodh  e  a'  bruidhinn  ris  fein.  "Tha  a' 
bhuaidh  aig  an  t-saoghal  agus  chan  ann 
agam-sa.  Chan  'eil  eadhon  iadsan  a  thug 
Dia  dhomh  agus  a  lean  mi  a'  tuigsinn  ciod 
a  tha  rioghachd  Dhe  a'  ciallachadh.  Tha 
mi,  a  reir  choslais,  air  m'  aireamh  am  measg 
nan  ciontach.  Ach  cha  bhi  an  saoghal  gun 
bhreith  a  thoirt  air,  oir  an  uair  a  thuigeas 
daoine  mo  theagasg  bheir  iad  breith  orra 
fein.  Tha  e  eu-comasach  gu'm  bi  a'  bhuaidh 
aig  Fuath.  Chan  'eil  ann  am  Fuath  ach  ni 
lag.  Ach  do  bhrigh  gur  ann  o  Dhia  a  tha 
Gradh  tha  e  l^idir,  agus  tha  misneach  aige 


fulang.  Dh'  fhairtlich  e  orm-sa  a'  bhuaidh 
fhaotainn  air  an  t-saoghal,  ach  gheibh  na 
daoine  a  thig  a'm'  dheidh  i,  oir  tha  Dia  a' 
riaghladh  agus  thig  a  rtiintean  gu  crich." 

"  Tha  an  saoghal,"  ars  esan,  "  maiseach, 
agus  is  cruaidh  an  ni  am  bas.  Chunnaic 
mi  am  bas  a'  tighinn  gu  daoine  eile  agus  a 
nis  tha  e  a'  tighiim  thugam  fein,  ach  air 
cho  cruaidh  agus  'ga  bheil  e  feumar  dol  'n  a 
choinneamh.  Bu  mhaith  leam  a  bhi  leam 
fein  a  nis,  oir  chan  urrainn  duine  cuid- 
eachadh  leam,  ach  chan  fhaod  e  bhith  nach 
eisd  Dia  rium." 

Feumaidh  e  bhith  gu'n  do  thuit  an  cadal 
orm,  oir  fhuair  mi  mi  fein  a'  leum  air  mo 
chasan,  agus  chunnaic  mi  gu  robh  losa  agus 
Eoin  agus  Peadar  agus  Seumas  laimh  rium. 
Chuala  sinn  farum  chas,  agus  an  sin  chunnaic 
sinn  daoine  agus  lochrain  aca  a'  deanamh  lom 
is  direach  oirnn.  Ann  an  solus  nan  lochran 
dh'  aithnich  sinn  gur  e  maoir  an  teampuill  a 
bha  ann  agus  ludas  Iscariot  air  an  culaibh. 
Sheall  iad  oirnn  gu  diu"  an  uair  a  rainig  iad 
sinn,  agus  rinn  an  ceannard  aca  mar  gu  robh 
e  a'  dol  a  bhreith  air  Seumas,  ach  chuala  mi 
ludas  a'  cur  cagair  'n  a  chluais  nach  b'e 
Seumas  an  duine  ceart. 

An  sin  th^inig  ludas  a  nail  far  an  robh 
losa  'n  a  sheasamh  agus  air  dha  breith  air 
laimh  air  chrom  e  a  cheann  mar  gu'n  robh 
e  a'  dol  'g  a  phogadh.  Ach  leag  losa  a  l^mh 
air  gairdean  ludais,  agus  gun  feitheamh  r'a 
phoig,  phog  e  ludas  agus  thubhairt  e  ris,  "A 
charaid  dean  do  ghnothuch  a  nis." 

An  sin  rug  na  maoir  air  losa,  agus  chuir 
iad  ris  cho  teann  's  gu'n  do  leum  an  fhearg 
air  Peadar,  agus  a  steach  'n  am  measg  bha 
e,  is  claidheamh  mor  leubaisteach  'na  laimh. 
Ach  bhruidhinn  losa  gu  smachdail  ris  agus 
thubhairt  e,  "  Cuir  bhuait  an  t-arm  sin,  a 
Pheadair,  nach  d'  thubhairt  mise  riut  cheana 
gu'n  sgriosar  leis  a'  chlaidheamh  iadsan  a 
chuireas  an  earbsa  ann." 

Thuit  Peadar  air  ais,  agus  an  sin  dh' 
fheoraich  losa  de  na  maoir,  "  Car  son  a 
th^inig  sibh  a  bhreith  orm  le  claidhean  agus 
bataichean  mar  gu'm  b'  fhear-reubainn  mi. 
Nach  do  theagaisg  mi  gu  follaiseach  anns 
an  teampull,  agus  cha  do  chuir  sibh  Ikxoh 
orm  ann?  " 

Cha  d'  thuirt  na  maoir  diog,  agus  cha 
mho  a  thuirt  losa  an  corr,  ach  dh'  fhalbh  e 
gu  reidh  comhla  riu,  is  Peadar  agus  mise  'g 
a  leantuinn.  Ach  chunnaic  mi  gu'n  d'  fhan 
ludas  leis  fhein  anns  a'  gharradh — agus  an 
dorchadas  ann. 

{Lefear  de  dheisciobuil  losa). 


Aig  an  Uinneig 


An  t-OlIamh  Donnchadh  MacDhonnchaidh. 

GED  nach.  robh  coslas  na  h-aoise  air  aodann 
no  air  seanchas  Dhonnchaidh  Robastanaich, 
mar  theireamaid  ris,  bha  e  mar  leth-bhliadhna 
do  cheithir  fichead  an  uair  a  shiubhail  e,  ach 
bha  e  cho  ogail  'n  a  inntinn  's  a  bha  e  riamh. 
Cha  chuala  mi  riamh  e  ag  radh  gu'n  robh  na 
seann  l^ithean  na  b'  fhearr  na  na  IMthean  a 
tha  againn  an  diugh,  no  gu'n  robh  an  saoghal 
agus  an  oigridh  a'  dol  air  an  ais  o  bha  esan 
'n  a  bhalach. 

Cha  robh  a  bheag  de  sheorsa  Dhonnchaidh 
Robastanaich  anns  an  eaglais,  no  a  bheag  de 
mhinistearan  a  b'  urrainn  an  t-aran  beo  a 
tha  anns  an  Tionmadh  Nuadh  a  laimh- 
seachadh  agus  a  roinn  d'  an  luchd-eisdeachd 
mar  bhiodh  e  a'  deanamh.  Bha  inntinn 
spioradail  aige  gu  nadurra,  agus  a  thuilleadh 
air  sin  bha  i  air  a  beathachadh  le  toradh 
raontan  farsuing,  oir  bhiodh  e  a'  leughadh 
gun  sgur  an  seorsa  leabhraichean  anns  a  bheil 
aran  do'n  inntinn. 

De  stoc  Atholl  a  thaobh  a  dhuthchais,  agus 
air  oileanachadh  an  Cill-rimhinn,  fhuair  e 
cead-searmonachaidh  o  Chleir  Mhtiile  arm.  an 
1886.  An  deidh  dha  bhi  d^  bhliadhna  'n  a 
fhear-cuideachaidh  ann  an  Arasaig  bha  e  air 
a  shuidheachadh  ann  an  Tairbeart  Loch 
Finn  an  1889 ;  as  an  Tairbeart  chaidh  e  do 
Luss  aig  iochdar  Loch  Laoimuinn  ann  an 
1896;  a  Luss  chaidh  e  do  Obar-neithe,  an 
Srath-Spe,  an  1897,  far  an  do  shaothraich  e 
gus  an  deachaidh  rudeigin  ce^rr  air  a  ghuth 
agus  am  b'  fheudar  dha  obair  na  sgire  a 
leigeil  dheth  ann  an  1921.  Ach  an  deidh 
dha  a  bhi  greis  'n  a  th^mh  neartaich  a  ghuth 
a  ris,  is  ghabh  e  os  laimh  dol  do  Choit 
Ghartain  a  chur  sgir  ilr  air  a  casan  an  sin, 
ach  an  taobh-a-stigh  de  dha  bhliadhna  bhris 
air  a  ghuth  an  dara  uair,  is  leig  e  dheth  i. 

An  1919  thug  Oilthigh  ChiU-rimbinn 
D.D.  dha. 

Bha  e  posda  ach  cha  robh  teaghlach  aige. 

Fhuair  e  an  rud  a  bhiodh  an  t-Ollamh 
Tomas  Chalmers  a'  guidhe  dha  fhein,  bliadh- 
nachan  saorsa  ann  am  feasgar  a  laithean  a 
bhiodh  dha  mar  fhois  na  Sabaid  an  deidh 
saothair  agus  uallach  na  seachduin.  Sin  na 
bliadhnachan  anns  an  d'  fhuair  raise  eolas 
air  Donnchadh  Robastanach  agus  air  a 
mhnaoi,  agus  c6  riamh  a  chuir  seachad  1^ 
comhla  riu  'n  an  tigh  fhein,  a'  seanchas  air 
nithean  an  t-saoghail  so  agus  air  nithean  an 
t-saoghail  eile  gun  chuimhne  a  bhi  aige  gu 
br^th  air  tlachdmhorachd  an  comhraidh 
agus  compantas  am  beatha  ! 


Tha  seorsa  dhaoine  ann  a  bhuineas  do 
rioghachd  Dhe  gu  nadurra,  co  dhiu  a  tha 
annta  ludhaich  no  Greugaich,  Criosduidhean 
no  Cinnich,  agus  b'  ann  dhiubh  sin  Donnch- 
adh Robastanach,  a  bha  'n  a  dhuine  diadh- 
aidh  agus  gradhach  o  bhreith,  agus  air  nach 
d'  thug  na  bliadhnachan  atharrachadh  air 
bith  o  'oige  ach  a  mh^in  gu'n  robh  e  a'  f^s 
ann  an  eolas  agus  ann  an  gliocas,  ann  an 
citiine  agus  ann  an  coibhneas-graidh,  agus  gu 
sonruichte  ann  an  tuigse  spioradail,  gus  an 
la  mu  dheireadh  d'a  bheatha.  B'  aithne 
dha  an  Tiomnadh  Nuadh  mar  nach  b' 
aithne  do  mhoran,  agus  bhiodh  e  a'  toirt 
as  do  dhaoine  eile  seudan  ura  agus  seudan 
folaichte  a  bheireadh  orra  a  radh,  "  Nach 
robh  ar  cridhe  a'  lasadh  annainn,  am  feadh 
a  bha  e  a'  labhairt  ruinn,  agus  an  uair  a 
dh'  fhosgail  e  dhuinn  na  sgriobturan?  " 
Na'm  feumainn  a  h-uile  S4baid  de'n 
bhliadhna  a  chur  seachad  fo'n  aon  mhinistear 
tha  mi  an  duil  gu'n  roghnaichinn  Donnchadh 
Robastanach  air  thoiseach  air  gin  eile  de  na 
ministearan  as  aithne  dhomh. 

Ach  ged  bha  brigh  agus  beatha  'n  a 
theagasg  anns  a'  chubaid  bha  e  na  b'  fhearr 
mar  aoghair  na  bha  e  mar  shearmonaiche, 
oir  an  uair  a  bhiodh  e  a'  dol  am  measg  an 
t-sluaigh  bha  coslas  na  diadhaidheachd,  agus 
na  h-uaisle,  agus  a'  choibhneis,  air  a  cheum, 
agus  air  a  ghuth,  agus  air  a  sheanchas  ;  agus 
bha  e  cho  modhail  agus  cho  citiin  agus  cho 
braithreil  gu  nadurra  's  nach  ruigeadh  daoine 
a  leas  eagal  a  bhi  orra  roimhe,  eadhon  ged 
bheireadh  e  orra  ann  an  cron.  Cha  chualas 
riamh  e  a'  trod  ri  daoine  no  'g  an  diteadh, 
oir  bha  co-mhothachadh  chaomhail  aige  ri 
peacaich,  eadhon  ged  bhiodh  iad  d^na  agus 
dalma,  is  ghiulaineadh  e  leo  gu  ciiiin  agus  gu 
faidhidinneach  a  reir  saoibhireachd  a  ghr^idh 
agus  a  chriosdalachd  fein. 

Faodar  gu  cinnteach  a  rMh  mu  Dhonnch- 
adh  Robastanach  mar  thubhairt  Solamh  mu 
Ghliocas,  ulaidh  a  bha  esan  a'  sireadh  uile 
laithean  a  bheatha,  gu'm  hu  shlighean 
suhhachais  a  shlighean,  agus  gu'm  bu  shith 
a  cheuman  uile. 

Athair  na  h.eaglais. 

Ma  tha  e  f  ior  gur  e  an  t-Ollamh  Gilleasbuig 
Domhnullach  athair  na  h-eaglais  an  diugh, 
cha  b 'urrainn  dhuinn  "  athair  "  eile  a  bhi 
againn  as  toilltinniche  air  meas  agus  urram 
na  seana  mhinistear  Chill-talorgain,  a  bhios 
ceithir  fichead  's  a  h-ochd  air  an  ath  mhios, 
agus  tri  fichead  bliadhna  's  a  ceithir  anns  a' 
mhinistrealachd  air  a'  Bhealltuinn.    Bho'n 


AIG  AN  UINNEIG 


is  cuimhne  learn  bha  aite  dha  fhein  aig 
Gilleasbuig  DomhnuUacb.  am  measg  mhinis- 
tearan  G^idhealach,  agus  tha  a  chliii  's  a 
sheasamh  a'  sior  dhol  am  meud  gus  nach 
'eil  againn  o  chiomi  bhliadhnachan  duine 
eile  a  ghabhas  coimeas  ris  a  thaobh  a  bhu- 
adhan  imitimi,  a  chomas-labhairt,  a  sgoilear- 
achd,  agus  ealain-sgriobhaidh,  no  a  thaobh 
na  h-uaisle  nadurra  a  tha  'n  a  fhacal  agus  'n 
a  ghitilan.  Chomh-oibrich  duthchas  agus 
oilean  le  cheile  gus  Gilleasbuig  Domhnullach 
a  dheanamh  mor  agus  uasal  gun  stri  dha 
fhein,  agus  gun  fhios  a  bhi  aige  fhein  gu 
bheil  uiread  meas  aig  a  bhraithrean  air  's 
gu'n  deanadh  iad  Easbuig  dheth,  na'n  robh 
Easbuigean  air  am  fulang  an  Eaglais  na 
h-Alba. 

Mac  do  Mhaighstir  Ruairidh  a  bha  ann 
an  Uidhist  a  Deas  agus  ogha  do  Mhaighstir 
Ruairidh  a  bha  arms  an  sgir  sin  roimhe-san, 
rugadh  Gilleasbuig  Domhnullach  an  October 
1853.  Bha  e  air  oileanachadh  an  Oilthigh 
Ghlaschu ;  agus  air  a  shuidheachadh  an 
eaglais  Hinipoil,  an  Tiriodh,  an  1877.  A 
Hinipol  chaidh  e  do  Steornabhagh  an  1878 ; 
a  Steornabhagh  chaidh  e  do  Lagaidh  air 
machair  Rois  an  1881,  agus  a  Lagaidh  chaidh 
e  do  Chill-talorgain  an  1892,  far  an  do 
shaothraich  e  gus  an  do  leig  e  dheth  uallach 
coimhthionail  o  chionn  beagan  bhliadhn- 
achan. 

Bha  e  posda  ri  nighean  do  Mghr  Tolmie  a 
bha  'n  a  mhinistear  an  Cunntainn,  boirionn- 
ach  aig  an  robh  ealain  anabarrach  air  ceol 
Gaidhealach  a  chluich,  is  bha  dithis  nighean 
aca;  te  dhiubh  posda,  agus  an  te  eile  a' 
cumail  tighe  le  h-athair  bho  shiubhail  a 
mathair. 

Thug  Oilthigh  Ghlaschu  D.D.  dha  ann 
an  1924. 

Theagamh  gu  robh  iomadh  a  h-aon  d'a 
bhraithrean  a  b'ainmeile  mar  shear monaiche 
na  ministear  Chill-t^lorgain,  agus  iomadh  a 
h-aon  cuideachd  aig  an  robh  barrachd  deidh 
air  a  bhi  a'  bruidhinn  agus  a'  riaghladh  an 
Cleir  agus  an  Seanadh,  ach  cha  robh  ministear 
eile  arms  a'  Ghaidhealtachd  o  chionn  leth- 
cheud  bliadhna  a  bha  cho  maith  ris  air 
sgriobhadh  Gaidhlig  agus  Beurla,  no  a 
sgriobh  uiread  ris.  Ann  an  litreachas,  agus 
ann  an  sgoilearachd,  agus  ann  an  eolas  air 
eachdraidh  ar  diithcha,  tha  Gilleasbuig 
Domhnullach  an  diugh  ann  an  sreath  leis 
fhein,  gun  chompanach  a  ghabhas  cur  ri 
thaobh,  a'  seasamh  a  mach  os  ar  cionn  uile 
mar  tha  Beinn  Nibheis  a'  seasamh  a  mach 
OS  ciorm  nam  beanntan  eile.  Cha  mhor  nach 
lion  ainmean  nan  leabhraichean  a  sgriobh  e 
taobh-duilleig. 


Comh-chruinneachadh  Uidhisteach  :  Bard- 
achd  Iain  Mhic  Codrum,  agus  drain  eile. 

Eachdraidh  Chloinn  Ddmhnuill  {tri  leabhr- 
aichean). 

Baird  Chloinn  Ddmhnuill. 

Bardachd  Mhic  Mhaighstir  Alasdair. 

Seann  Tighearnan  na  h-Airde ;  teaghlach 
Mhic  Shimidh. 

Cuimhneachain  air  bliadhna  Thearlaich. 

Tha  iad  sin  uile  air  an  sgriobhadh  ann  am 
Beurla,  mar  tha  iomadh  paipear  a  sgriobh  e 
gu  bhi  air  a  leughadh  do  Chomunn  Gaidhlig 
lonar-nis,  ach  thionndaidh  e  gu  Gaidhlig 
moran  laoidhean  agus  leabhraichean  Beurla 
nach  ruig  mi  a  leas  ainmeachadh  an  dr^sd. 
A  h-uile  seachduin  o  chionn  iomadh  bliadhna 
tha  rud-eigin  o  laimh  ri  f haicinn  ann  am  fear 
de  phaipearan-naidheachd  lonar-nis,  agus 
ged  tha  e  a  nis  aois  mhor  tha  a  mheomhair 
agus  a  bhuadhan  cho  bed  agus  cho  geur 
f  hathast  's  gu  bheil  e  a'  tionndadh  Homer  gu 
Gaidhlig.  Sin  agaibh  sin ;  seana  mhinistear 
aig  ceithir  fichead  's  a  h-ochd  a'  tionndadh 
bardachd  Ghreigis  gu  Gaidhlig,  agus  gun 
leth-dusan  ministear  6g  anns  a'  Ghaidheal- 
tachd as  urrainn  Homer  a  leughadh  ! 

Tha  e  'n  a  thoileachadh  mor  dhomh 
iomradh  a  dheanamh  air  mo  sheana  charaid 
air  an  duilleig  so,  oir  o'n  cheud  la  a  fhuair 
sinn  eolas  air  a  cheile  ann  an  Cleir  lonar-nis 
bha  fios  agam  'n  am  chridhe  gu'm  bu  shar 
dhuin-uasal  e,  ach  is  ann  'n  a  dheidh  sin  a 
thuig  mi  gu  robh  eolas  farsuing  aige,  agus 
ealain  air  Beiirla  agus  Gaidhlig  a  sgriobhadh 
nach  robh  aig  duine  eile  a  b'aithne  dhomh. 
A  reir  mo  bheachd-sa  chan  'eil  duine  eile 
beo  an  diugh  as  urrainn  Gaidhlig  a  sgriobhadh 
cho  maith  ri  Gilleasbuig  Domhnullach,  no  idir 
idir  as  urrainn  sgriobhaidhean  Beurla,  agus 
gu  sonruichte  bardachd  Bheurla,  a  thionn- 
dadh  gu  Gaidhlig  cho  maith  ris.  Chan  e 
Gaidhlig  bhreac  bhriste  nam  mithean  a 
bhios  e  a'  sgriobhadh  no  a'  labhairt  ach 
cainnt  uasal  agus  eireachdail  nam  bard,  air 
a  liomhadh  agus  air  a  deanamh  riomhach 
le  grimieas  a  laimhe  fhein. 

B'e  am  ministear  Gaidhealach  mu  dheir- 
eadh  a  bha  'n  a  "  athair  do  'n  eaglais  "  an 
t-OUamh  Seumas  Curdie  Russell,  seana 
mhinistear  Cheann-loch.  An  iomadh  doigh 
bha  an  t-Ollamh  Russell  agus  an  t-Ollamh 
Domhnullach  gle  choltach  ri  cheile;  ciiiin 
agus  seimh  agus  coibhneil  'n  an  nadur, 
daonnan  staideil  agus  liomhta  'n  an  cainnt 
agus  'n  an  labhairt,  agus  a'  seasamh  a  mach 
OS  cionn  dhaoine  eile  leis  an  rud  sin  ris  an 
abair  na  Goill  "  dignity  "  ach  ris  an  abair 
sinne  "  uaisle." 


8         AIG  AN  UINNEIG— MGHR.  DOMHNULL  DOWNIE,  NACH  MAIREANN 


Agus  bha  iad  coltach  ri  cheile  anns  a' 
cheum  so  cuideachd,  gu'n  do  ghleidh  iad 
am  buadhan  agus  am  breithiieachadh  gun 
ghaiseadh  gu  aois  mhor. 

Beannachd  agus  gaol  a  chloinne  do  ar 
"  n-athair  urramach,"  agus  gu  ma  fada  a 
bhios  a  thobar  gun  traoghadh,  agus  a  thlachd 
ann  an  Eoin  agus  ann  an  Homer  ! 

{Bho  sgriobh  mi  so  dh'innseadh  dhomh  gu 
bheil  aon  fhear  eile  no's  sine  anns  a'  mhinist- 
realachd  na'n  t-Ollamh  Ddmhnullach,  Alasdair 
Watt,  M.A.  a  bha  ann  an  Prestonkirk.  Bha 
Mghr.  Watt  air  a  choisrigeadh  gu  dreuchd  na 
ministrealachd  tri  miosan  roimhe). 

An  t-Urramach  Ddmhnull  MacGilIe.bhr^th, 
B.D. 

Chaochail  e  air  a'  mhios  a  chaidh  seachad 
aig  seachd  deug  is  tri  fichead  bliadhna 
dh'aois. 

Rugadh  e  an  Ceann-Loch.  am  Muile ;  bha 
e  greis  'n  a  mhaighstir-sgoil  am  Ploc  Loch 
Aillse  (agus  'n  a  mhaighstir-sgoil  maith) 
m'an  deachaidh  air  ais  do  Oilthigh  Ghlaschu 


'g  a  ullachadh  fein  air  son  na  ministrealachd, 
agus  an  deidh  dha  bhi  'n  a  f  hear-cuideachaidh 
greis  bheag  an  Dail-chuinidh,  bha  e  air  a 
shuidheachadh  an  Ceann-Loch-Speilbhidh  am 
Muile  am  1895.  A  Muile  chaidh  e  do  Chille- 
Bhrianain,  an  Cleir  Lathurna,  an  1897,  agus 
a  Cille  Bhrianain  chaidh  e  do  sgir  Pheitidh, 
an  Cleir  lonar-nis,  an  1902. 

Bha  e  posda  da  uair,  agus  bha  aon  nighean 
aige  o'n  mhnaoi  mu  dheireadh,  agus  balach 
a  shiubhail  'n  a  leanabh. 

Bho  chionn  sheachd  bliadhna  leig  e  dheth 
obair  sgire,  is  chaidh  e  a  dh'fhuireach  do 
Dhtm-eideann.  Chan  'eil  a  nis  gin  ann  an 
Cleir  lonar-nis  de  na  ministearan  a  bha  innte 
an  uair  a  chaidh  mise  innte  an  1902,  agus 
chan  'eil  beo  dhiubh  ach  an  t-Ollamh  Gill- 
easbuig  Domhnullach  air  a  bheil  iomradh 
anns  an  aireamh  so. 

Bha  Domhnull  MacGille-bhrath  'n  a 
sgoilear  maith,  'n  a  shearmonaiche  turail 
gun  a  bhi  tioram,  agus  daonnan  soilleir  'n 
a  theagasg.  Bha  e  easgaidh  'n  a  sgir,  coibhneil 
ri  cloinn  agus  ri  sgoilearan  oga,  agus  comp- 
anta  am  measg  bhraithrean. 


Mghr.  D6mhnull  Downie,  nach  maireann 

Leis  an  Urramach  Calum  Mac  Corcadail,  an  Lios-mor 


CHAOCHAIL  am  missionaraidh  coir  so 
toiseach  an  t-Samhraidh,  agus  bu  mhor 
an  ionndrainn  a  bha  air  a  chairdean  agus 
a  luchd  eolais.  Teann  air  d^  fhichead 
bliadhna  choimhlion  e  ministrealachd  agh- 
mhor  anns  an  eaglais,  an  Cill-chomhghain, 
an  lochdar  Uidhist  a  Deas,  anns  a'  Bhaile- 
shear,  agus  an  Cairinnis  an  Uidhist  a  Tuath. 
Riamh  o  'n  la  air  an  deachaidh  iompachadh 
aig  dtisgadh  am  Baile-chaolais  o  chionn  fada 
thug  e  a  chridhe  agus  a  neart  do  dh'aobhar 
an  t-soisgeil.  Bha  e  cho  cinnteach  as  a' 
ghairm  a  fhuair  e  an  uair  sin  agus  a  bha 
Pol  as  a  ghairm  fhein  air  rathad  Dhamascuis. 

B'  ann  an  Cairinnis  a  fhuair  mise  eolas 
air  Downie  (mar  their te  ris).  Bhiodh  e  a' 
tighinn  do  'n  tigh  againn  a  chumail  coinnimh 
mar  do  thighean  eile  agus  mi  gle  6g.  Tha 
cuimhne  agam  air  an  deagh  chothrom  labh- 
airt  a  bha  aige,  agus  cho  math  agus  a  bha 
a  shearmoin.  Corra  uair  ghabhadh  e  laoidh  a 
rinn  e  fhein  gu  h-airmseach  air  fonn  Cruachan 
Beann.   Tha  ceathramh  dhi  agam  fhathast — 


"  Na  dean  dail,  seall  an  aird 
Ris  an  t-Slanuigheir  bheannaicht' ; 
Chaidh  a  cheusadh  'n  ar  n-kit' 
Sud  an  gradh  nach  gabh  aithris  !  " 

Anns    a'    cheathramh   sin   gheibhear    brigh 
a  theachdaireachd. 

Chan  fhagadh  Downie  cridhe  goirt  aig 
duine  sam  bith  na'n  gabhadh  e  seachnadh. 
Bha  failte  chridheil  aige  do  gach  sean  is  6g. 
An  am  carraid  agus  teinn  ruigeadh  e  le 
comhfhurtachd  agus  an  am  imcheist  bha 
e  'na  dheagh  chomhairliche.  B'i  bhuille  a 
bu  chraitiche  a  dh'fhuiling  e  fhein  bas  a 
mhic,  Seumas ;  balach  laghach  turail  a  bha 
gu  bhi  mach  'n  a  mhinistear  an  Glaschu. 
Cha  do  dhiiin  an  lot  ri  bheo. 

Greis  air  ais  an  Cillchomhghain  an  deidh 
dha  Uidhist  fhagail  leig  e  dheth  an  t-uallach 
agus  rinn  e  fhein  agus  a  theaghlach  an 
dachaidh  an  eilean  Thiriodh.  Ann  an  sin 
tha  iadsan  'g  a  chaoidh  agus  bithidh,  ach 
chan  ann  gun  dochas.  Tha  Aon  ann  a 
thubhairt  "  Ann  an  tigh  m'Athar-sa  tha 
iomadh  aite-comhnuidh." 


Aireamh   lo 


1941 


Foillseachadh  Cloinne  Dhe 

(Searmon  a  liubbradh  ann  an  eaglais  Cuirt  a'  Chmin  ann  an  Lunnainn  air  an  naoieamh 

latha  de  October  1938) 

Le  Alasdair  MacFhionghuin,  B.D.,  Ph.D.,  Ministear  Chill-mo-naomhaig 

"  Oir  a  ta  diiil  dhiirachadach  a'  chruthachaidh  a'  feitheamh  ri  foillseachadh  cloinne  Dhe." — 

Bom.  viii.  19 


BITHIDH  'a  cheist  so  ag  eirigh.  ann  an 
inntinn  gach  duine  turail  o  am  gu  am: 
"  Ciod  is  ciall  agus  is  run  do  shaothair 
na  cruitheachd,  agus  do  bJieatha  dhaoine 
innte  ?  "  Freagraidh  cuid  nach  'eil  ciall 
no  run  idir  annta ;  gu  bheil  a'  ehruitheachd 
coltach  ri  roth  a'  dol  mu'n  cuairt  air  aisil, 
bliadhna  an  deidh  bliadhna,  linn  an  deidh 
linn,  a'  giiilan  a'  chinne-daonna  'na  broinn, 
ach  gun  a  bhi  a'  coimhlionadh  rtiin  no 
aobhair  sam  bith.  An  ni  a  bba  ann  o  thtis, 
'se  a  tha  ann  a  nis,  is  a  bhitheas  ann  a 
ghnath ;  mar  sin,  is  diomhanas  na  h-uile 
nithean.  Gun  teagamh,  faodaidh  beatha 
dhaoine  a  bhi  priseil  dhaibh  cho  fad  is  a 
shealbhaicheas  iad  tomhas  de  shlainte  is  de 
chomhf hurtachd ;  agus  tha  caithe-beatha 
ionraic  na's  freagarraiche  do  dhaoine  na 
atharrachadh ;  ach  air  a  shon  sin  uile,  is 
diomhanas  na  h-uile  nithe ;  agus  an  uair 
a  thig  crioch  air  a'  chinne-daonna  air  an 
talamh,  le  fuachd  no  le  teas,  bithidh  an 
eachdraidh  air  cho  bheag  sta  ri  bruadar 
bruailleanach  na  h-oidhche.  Sin  aon  fhreag- 
radh  do'  n  Cheist. 

Solus  an  t-soisgeil. 

Ach  tha  an  t-abstol  naomh,  air  a  shoilleir- 
eachadh  le  solus  an  t-soisgeil,  a'  toirt 
atharrachadh  freagraidh  oirre.  Tha  e  a' 
creidsinn  gu  bheil  e  mar  rim-diomhair  ann 
an  cridhe  na  cruitheachd  gu'n  togadh  i 
clann  do  Dhia ;  's  e  sin  clann  nan  daoine 
air  an  saoradh  o  pheacadh  is  o  thruaillidh- 
eachd,  ag  imeachd  ann  am  maise  na  diadh- 
achd,a'sealbhachadhna  beatha  maireannaich. 
Bba  e  a'  faicinn  peacadh  cridhe  agus  gniomh 
an  duine  a'  toirt  sgrios  air  aghaidh  na 
talamhainn  le  cogadh;  a'  deanamh  ana- 
caitheimh  air  beartas  naduir  le  sannt ;  agus 
a'  leagail  uallaich  is  truaighe  air  duine  is 
ainmhidh.  Mar  so,  bha  maitheas  Dhe  'g  a 
mhi-bhuileachadh,  is  a'  ehruitheachd  'g  a 
cumail  fo  dhaorsa.  Air  an  laimh  eile,  bha 
aon  seorsa  sluaigh  ag  eirigh  anns  an  t-saoghal 
aig  an  am  ud,  agus  bha  cuid  dhiubh  's  an 


Roimh,  anns  an  robh  beatha  ur  ag  oibreach- 
adh;  beatha  a  bha  air  a  dearcadh  o'n  ^ird, 
air  chor  is  gu'n  robh  an  inntinnean  air  an 
soillseachadh  ann  an  eolas  air  Dia,  an 
coguisean  air  an  dusgadh,  an  cridheachan 
air  an  glanadh,  an  nadur  gu  leir  fo  riaghladh 
spiorad  nan  gras ;  iad  a'  sealbhachadh  sithe, 
agiis  air  an  comhfhurtachadh  le  beo-dhochas 
ri  oighreachd  ghlormhor,  neo-thruaillidh  anns 
na  neamhaibh.  Thug  a'  bheatha  ur  so  ann 
fein  agus  annta-san  foillseachadh  do'n  abstol 
a  thaobh  na  cruitheachd  gu  leir ;  agus  mar 
sin,  tha  e  ag  radh  gu'm  bheil  an  ciall  agus 
an  run  so  leagta  'na  cridhe,  agus  gu  bheil 
i  ann  an  truaighe  agus  saothair  gus  an 
coimhlionar  an  rim — 's  e  sin,  gu'm  biodh 
daoine  air  an  saoradh  o  thruaillidheachd, 
agus  air  am  foillseachadh  ann  am  maise 
na  diadhachd,  agus  ann  an  gloir  cloinne  Dhe. 

Anns  an  dachaidh. 

A  nis  ma  bhitheas  so  fior  mu  dheireadh, 
feumaidh  gu  bheil  e  a'  toiseachadh  cheana 
anns  an  t-saoghal  so.  Faiceamaid  mar  a  tha 
am  focal  cia,tach  so  air  a  dhearbhadh  ann 
an  daimhean  agus  an  seirbhis  dhaoine  anns 
gach  aite  is  suidheachadh.  Smuainicheamaid 
air  dachaidh,  far  am  bheil  sinn  uile  a' 
toiseachadh,  agus  far  am  bu  mhaith  gu'm 
bitheadh  sinn  a'  criochnachadh  ar  turuis. 
Ciod  is  dull  dhurachdach  na  cloinne  ?  Tha 
fhios  agaibh  uile  nach  e  a  mhain  biadh  is 
comhfhurtachd  ris  am  bheil  am  fiughair, 
ach  mar  an  ceudna  ri  fii-inn,  ceartas,  is 
gradh;  ris  gach  subhailc  is  airde,  ris  gach 
gliocas  is  airidhe.  Chan  e  a  mhain  gu  bheil 
duil  na  cloinne  gu'm  foillsich  am  parantan 
dhaibh  a'  ghloir  spioradail  so,  ach  mar  an 
ceudna,  tha  gne  na  cloinne  agus  an  oilein 
air  son  an  cursa  anns  an  t-saoghal  ag  iarraidh 
gu'  n  nochdadh  iad  a'  mhaise  so  fa  'n  comhair. 
Cha  mhor  nach  bris  e  cridhe  balaich  ma  dh' 
innseas  athair  breug  dha,  no  ma  theid  e  air 
ais  air  fhacal  dha,  no  ma  bheir  e  an  car  as 
air  dhoigh  sam  bith.  Mar  an  ceudna,  tha  a' 
chaileag  a  thaobh  a  mathar.    Le  cheile,  tha 


FOILLSEACHADH  CLOINNE  DHE 


iad  a'  sealltuinn  air  son  nam  buaidhean  as 
ciataiche  agus  a'  ghiulain  as  uaisle  'n  am 
parantan ;  agus  is  searbh  an  oilbheum,  agus 
is  trom  a'  bhuille  a  gheibh  iad  an  latha  a 
dhearbhas  am  parantan  atharrachadh  dhaibh. 
Chan  'eil  ionnsachadh  no  eiseimpleir  eile  a 
gheibh  clann  taobh-a-muigh  na  dachaidh  ach 
fann  'n  an  eifeachd  an  coimeas  ris  a'  bhuaidh 
a  ruigeas  orra  o  bhi  a'  faicimi  agus  a'  fiosrach- 
adh  eiseimpleir  air  doighean  onorach  aig 
athair  is  m^thair.  Air  an  laimh  eile,  eiod 
a  tha  air  iarraidh  air  cloinn  ach  urram, 
dilseachd,  is  gradh  a  thaobh  am  parantan; 
agus  mar  sin,  an  teaghlach  gu  leir  a'  coimh- 
lionadh  a'  phrionnspail  dhiadhaidh  air  am 
bheil  e  suidhichte :  gu  soilleir,  arms  gach 
seadh,  tha  dtiil  dhiirachdach  na  dachaidh  a' 
feitheamh  ri  foillseachadh  cloinne  Dhe  innte. 

Ann  an  cairdeas. 

Mar  an  ceudna,  tha  daimh  a'  chairdeis  ag 
iarraidh  an  dearbh  ni.  Is  e  a  mhain  daoine 
a  tha  a'  sireadb  ard-mhaitheis,  agus  a  tha 
maiseach  'n  an  spiorad,  a  tha  comasach  air 
fior  chairdeas  a  choimhead  feadh  nam 
bliadhnachan.  ladsan  a  tha  Ian  de  fheineil- 
eachd  is  de  shannt,  a  tha  coirbte,  mi-rianail, 
coma  de  a  their  no  a  ni  iad,  ach  an  toil  fein 
fhaighinn — cha  mhor  is  fliiach  an  c&-irdeas, 
agus  chan  fhad  a  mhaireas  e.  Ach  an  dream 
a  tha  fo  ordugh  spiorad  a'  ghraidh,  a  tha 
iriosal,  treibhdhireach,  dileas,  agus  foidh- 
idinneach.  ni  iadsan  cairdean  cinnteach,  a 
dhearbhar  ann  an  latha  an  fheuma,  agus 
a  sheasas  gun  atharrachadh  an  latha  a  chi 
's  nach  fhaic.  Tha  e  air  aithris  gu'  m  b'e 
so  a'  ghne  cairdeis  a  bha  eadar  Daibhidh 
agus  lonatan:  agus  a  rithist  eadar  an 
Tighearna  agus  na  deisciobuil :  ghradhaich 
e  a  mhuinntir  fein  a  chum  na  criche.  Mar 
bu  mhotha  am  feum,  is  ann  bu  chinntiche 
a  chobhair-san.  Mar  sin  tha  e  soilleir,  ma 
tha  sinn  a'  dol  a  bhi  'n  ar  cairdean  do  dhream 
air  bith,  gur  ann  le  bhi  'g  ar  dearbhadh  fein 
dhoibh  ann  am  maise  cloinne  Dbe,  eadhon, 
dilseachd,  treibhdhireas,  is  gradh. 

Ann  an  obair. 

Ach  a  thuilieadh  air  a  sin,  tha  uile 
ghnothuch  dligheach  mhic  an  duine  air  an 
talamh  ag  eigheach  ris  e-fein  fhoillseachadh 
arms  a'  chiatachd  so.  Chan  'eil  oibriche  air 
bith  aig  nach  'eil  deadh  thuigse  gu  bheil  e 
mar  fhiachaibh  air  an  ni  a  chaidh  earbsadh 
ris  a  dheanamh  diongmhalta,  cothromach; 
agus  ma  cheadaicheas  a  chumhnant,  a 
dieanamh  snasmhor  cuideachd.  Cha  toigh 
le  duine  air  bith  anns  am  bheil  deagh 
phrionnspal,  obair  neo-sheasmhach,  ghroigeil, 
a  leigeil  as  a  lamhan,  a  bhitheas  'n  a  call  do 


chuid,  is  'n  a  h-aobhar-magaidh  do  na  h-uile. 
Bithidh  n^ire  air  aisde,  agus  bithidh  e  'g  a 
chasaid  cho  fad  is  a  bhitheas  cuimhne  aige 
oirre. 

Ma  's  ann  air  cheann  gnothuich  a  tha 
duine  air  chor  is  gu  bheil  moran  laimhseach- 
aidh  aige  air  airgiod,  agus  moran  tighdarrais 
aige  thairis  air  a  chomh-chreutairean,  chan 
e  a  mh^in  gu  bheil  inntinn  gheur,  shoilleir 
air  a  h-iarraidh  ann,  ach  tha  mar  an  ceudna 
krd  onair,  ceartas,  comh-fhaireachduinn  is 
foidhidinn.  Mar  is  soilleire  a  nochdar  leis 
spiorad  uasal,  is  ann  is  cinntiche  a  ghreim 
air  na  bheil  'n  a  earbsa,  agus  is  treise 
iighdarras  thairis  orra-san  d'  am  bheil  e  a' 
toirt  riaghailt.  Is  e  droch  dhaoine — slaoight- 
earan,  is  breugairean,  is  meirlich — a  tha  a' 
deanamh  gnothuch  an  t-saoghail  cho  neo- 
chinnteach,  agus  air  uairean  cho  calldach 
agus  cho  n^rach.  Da-rireadh  tha  a'  chuid 
so  de'n  chruitheachd  ann  am  feum  air 
foillseachadh  cloinne  Dhe,  air  son  a  soirbh- 
eachaidh  agus  a  h-aoibhneis, 

Ann  an  luchd-dreuchd. 

Agus  ma  sheallas  sinn  air  dreuchdan 
dhaoine,  dreuchd  an  lighiche,  an  fhir-lagha, 
a'  mhinisteir,  nach  'eil  e  fior  gu  bheil  e  air 
iarraidh  orrasan  a  tha  'g  an  cleachdadh  gu'm 
bi  iad  'n  an  daoine  ciatach,  ag  iarraidh  a 
bhi  a'  coimhlionadh  'n  an  seirbhis  d'  an 
comh-chreutairean  reachd  a  tha  tighinn 
thuca,  chan  ann  o  dhaoine  ach  o  Dhia  na 
firinn,  a'  cheartais,  is  a'  ghraidh.  Ma  tha 
dotair  cruaidh-chridheach,  ma  tha  fear-lagha 
guadach,  ma  tha  ministear  uaibhreach  no 
mi-runach,  tha  e  a'  toirt  brisidli-dtiile  do 
na  h-uile.  Air  an  laimh  eile,  faic  lighiche 
a  tha  chan  e  a  mhain  sgileil,  ach  mar  an 
ceudna  'n  a  chomfhurtair  do  dhaoine  'n  an 
an-shocair;  faic  breitheamh  eudmhor  air 
son  firinn  a  thoirt  am  follais  agus  ceartas 
a  dheanamh  ris  na  h-uile,  gun  a  bhi  a' 
dearmad  trocair ;  faic  ministear  a  tha  iriosal, 
treibhdhireach,  gradhach  ris  na  h-uile,  is  tha 
thu  a'  faireachduinn  gu  bheil  rim  Dhe  anns 
na  dreuchdan  sin  a'  faotainn  tomhais  de 
choimhlionadh. 

Ann  an  riagliladh. 

x^ch  tha  dreuchd  eile  am  measg  dhaoine  air 
am  bheil  siiilean  nan  uile  anns  gach  rioghachd, 
's  6  sin,  dreuchd-riaghlaidh  sluaigh  ann  am 
pearsa  righ  no  ceann-staide.  Am  bheil  an 
teagamh  as  lugha  aig  duine  an  so  ciod  a  tha 
an  dreuchd  chudthromacn  so  ag  agairt  air 
gacn  neach  a  tha  innte ;  nach  e  gu'm  bitheadh 
e  uasal  'n  a  ghitilan,  a'  taisbeanaidh  deagh- 
ghean  do  gach  seorsa  sluaigh,  a'  neartachadh 


FOILLSEACHADH  CLOINNE  DHE 


ceartais  is  caoimhneis  'n  am  measg,  a'  gleidh- 
eadh  ctimhnaint,  is  a'  leantuinn  sithe  ? 
"  Feuch  "  ars  an  sgriobtur,  "  rioghaichidh 
righ  ann  am  fireantachd,  agus  riaghlaidh 
uachdarain  ann  am  breitheanas  " ;  agus 
bithidh  buaidh.  cho  eifeachdach  aig  ordugh 
is  eiseimpleir  a'  cheartais  is  gu'm  bi  daoine 
gasda  ag  eirigh  thall  is  a  bhos  mu  'n  timchioll : 
daoine  a  bhitheas  gach  aon  dhiubh.  "  mar 
ionad-fasgaidh  o'  n  ghaoith,  mar  dhidein  o 
'n  doininn,  mar  shruthaibh  uisge  ann  an 
^ite  tioram,  mar  sgaile  creige  moire  ann  an 
tir  airsnealaich."  Cha  ruig  mise  a  leas  a 
bheag  a'  radh  air  a  so,  a  tha  cho  soilleir  air 
a  dhearbhadh  le  cor  an  t-saoghail  an  diugh. : 
oir  far  am  bheil  mic  Bheliail  ann  an 
tighdarras,  tha  daorsa  is  brtiidealas,  geur- 
leanmhuinn  is  bagradh,  eagai  is  cogadh,  a' 
tionndadh  an  t-saoghail  gu  truaighe  agus  bas. 
Far  ara  bheil  na  riaghladairean  deidheil  air 
ceartas  is  caomhalachd,  saorsa  is  sith,  is  e 
^ite  eile  a  tha  anns  an  t-saoghal,  a'  toirt 
cothjoim  do  dhaoine  air  am  beatha  a  chaith- 
eadh  agus  a  mhealtuinn  ann  an  reusonta^chd, 
ann  an  aonachd,  agus  ann  an  tearuinteachd ; 
far  mar  an  ceudna  an  cleachdar  eolas  is 
ealain  is  saoibhreas  ann  an  gliocas,  chan  ann 
air  son  millidh  is  b4is,  ach  air  son  leas  nan 
uile.  Gu  cinnteach,  tha  diiil  dhiirachdach  a' 
chruthachaidh  dhaonnail  uile  ag  osnaich,  a", 
feitheamh  gus  am  foillsichear  uachdarain 
nan  rioghachdan  'n  am  mic  do  Dhia. 

Ann  an  tiioblaid. 

Air  neo  ma  sheallas  sinn  air  beatha  dhaoine 
ann  an  am  trioblaid,  deuchainn,  call,  is  broin, 
a  tha  a'  fiosrachadh  nan  uile  uair-eigin,  tha 
fhios  agaima  gu  'm  fulling  daoine  ann  an 
caochladh  dhoighean;  cuid  le  ard  ghearan, 
cuid  air  am  briseadh  le  truas  dhiubh  fein, 
cuid  ann  an  tosd  le  searbhad  an  cridhe ;  ach 
cuid  eile  gu  seamh,  citiin,  foidhidinneach,  air 
an  comhfhurtachadh  ann  an  diomhaireachd 
ati  spioradan  le  gras  o'n  aird,  'g  am  foillseach- 
adh  fein  dhaibhsan  uile  a  chi  iad  ann  am 
maise  cloinne  Dhe.  Chan  'eil  sealladh  eile 
air  beatha  duine  air  an  talamh  is  ciataiche 
na  a  bhi  'g  a  fhaicinn  a'  faotainn  na  buadha 
so  thairis  air  amhghair  an  t-saoghail,  ann  an 
cumhachd  creidimh,  dochais,  agus  graidh. 
Chan  'eil  doigh  eile  ann  air  am  faighear  os 
cionn  trioblaid  agus  fulangais.  Bithidh  e  'na 
thruaighe  dhuinn  fein  is  do  chach  mur 
foillsichear  sinn  'n  ar  cloinn  do  Dhia  ann 
an  latha  na  deuchainn. 

*  *  i):  * 

2.  Foghnadh  na  h-eiseimpleirean  sin :  is  e 
suim  a'  ghnothuich  gu  bheil  ar  nadur  ag 
iarraidh,  gu  bheil  ar  daimh  r'ar  comh- 
chreutair  ag  iarraidh,  gu  bheil  ar  seirbhis 
chumanta,  ar  dreuchdan  inbheach,   amhuil 


a  tha  ar  duileadasan  agus  ar  teanntachd  ag 
iarraidh  an  aoin  ni,  's  e  sin,  gu  'n  taisbeinear 
sinn  ann  am  maise  cloimie  Dhe.  Is  e  sin  a' 
ghairm  a  tha  againn  anns  an  t-soisgeul ; 
agus  tha  i  ag  eigheach  ris  an  run-diomhair 
a  tha  leagta  gu  domhain  ann  an  gne  gach 
duine.  Tha  araon  iadsan  a  dh'aicheas  agus 
iadsan  a  dh'aidicheas  an  gairm  spioradail  a' 
dearbhadh  gur  i  ciall  agus  crioch  nan  uile 
nithean.  Cho  fad  is  a  chogas  duine  'n  a 
h-aghaidh,  ann  an  spiorad  feineil,  baoth, 
tha  e  ann  am  buaireas;  agus  tha  seargadh, 
cruas,  amharus,  is  suaraiche,  'g  a  fhiosrach- 
adh.  Lionadh  e  e-fein  le  siigradh ;  tha  e 
fhathast  mi-shuaimhneach.  Leigeadh  e 
srian  le  an-togradh;  is  air  bheagan  dalach, 
tha  fein-dhimeas  agus  fein-dhiteadh  'n  a 
charamh,  companaich  dhubhach.  Tha  sin 
uile  a'  dearbhadh  gu  bheil  e  ann  an  seacharan 
agus  ag  aicheadh  an  aobhair  'air  son  an  do 
chruthaicheadh  e.  Air  an  .laimh  eile,  aidich- 
eadh  duine  a'  ghairm  gu  bhi  beo  mar  mhac 
do  Dhia;  thigeadh  e  thuige-san,  gabhadh  e 
ris-san;  agus  foghlumadh  e  uaithe-san,  a  tha 
a'  toirt  dhuinn  cumhachd  gu  bhi  'n  ar  cloinn 
do  Dhia,  agus  tha  sith,  socrachadh,  sasuch- 
adh,  aoibhneas,  is  dochas  a'  tighinn  d'  a 
ionnsaidh ;  agus  tha  fhios  aige  gur  oighre 
e  air  laa  h-uile  nithean  air  son  an  do  chruth- 
aicheadh e. 

A'  cMoch  aluinn. 

3.  Na'n  robh  na  h-xxile  a'  caitheamh  am 
beatha  ann  an  spiorad  uasal  cloimie  Dhe, 
chan  'eil  teagamh  idir  nach  saoradh  iad  an 
saoghal  o  dhaorsa  na  truaillidheachd  ann 
an  tomhas  nach  beag.  Ach  fhathast,  bhith- 
eadh  briseadh,  bron,  is  truaillidheachd  a' 
bhais  ri  'm  fulang.  Mar  sin,  ged  tha  clann 
Dhe  ri  'm  foillseachadh  a  reir  an  comais 
anns  an  t-saoghal  so,  is  ann  a  bha  siiil  an 
abstoil  gu  sonruichte  ris  a'  ghloir  a  chithear 
annta,  an  uair  a  sgeadaichear  iad  ann  an 
neo-bhasmhorachd  ann  an  rioghachd  na 
gloire.  Is  e  so  a'  chrioch  aluinn  ris  am  bheil 
diiil  dhiirachdach  a'  chruthachaidh  a'  feith- 
eamh. Chan  'eil  e  duilich  a  chreidsinn  gu 
bheil  a  leithid  so  de  fhortan  air  thoiseach 
orra-san  a  tha  'g  an  nochdadh  fein,  anns  na 
doighean  air  an  robh  sinn  a'  beachdachadh, 
'n  an  cloinn  do  Dhia.  Do  bhrigh  gu  bheil 
beatha  naomh  annta,  a  bhuineas  do  na 
neamhan,  tha  e  reusonta  a  chreidsinn  gu 
bheil  i  cho  priseil  ann  an  sealladh  Dhe  is 
gu  'n  tog  E  a  suas  iadsan  anns  am  bheil  i  gu 
siorruidheachd  de  sheirbhis  sholasaich.  Is  e 
sin  gealladh  Chriosd  d'  a  shluagh;  tha  e  a' 
seirm  mar  fhonn  aoibhneach,  buadhach  ann 
an  cridhe  an  t-soisgeil;  agus  tha  e  'n  a 
dhochas  beannaichte  anns  gach  anam  anns  an 
do  thoisich  cheana  a'  bheatha  mhaireannach. 


Am  measg  nan  Gillean 

An  t-Urr.  Murchadh  M.  MacSuain,  M.A.,  Ceann-Loch 


THUGADH  iomradh  no  dha  anns  na  duill- 
eagan  so  cheana  air  obair  na  h-eaglais  am 
measg  nan  seoladairean,  agus  bu  mhaith 
leamsa  beagan  a  radh  mar  an  ceudna.  Bha 
mi  tacan  beag  's  a'  gheamhradh  aig  aon  de 
na  puirt  an  cois  nan  gillean  Gaidhealach  a 
mhain,  ach  chuireadh,  mar  fhiachaibh  orm  o 
chionn  greise  air  ais  tighinn  a  dh-ionnsuidh 
a'  phuirt  so,  Portsmouth,  agus  fuireach  ann 
gu  deireadh  a'  Chogaidh  an  cois  nan  gillean 
Albaimach,  araon  Gaidheil  agus  Goill.  Tha 
so  a'  ceadachadh  dhomh.  cothrom  a  bharr- 
achd,  agus  fein-fhiosrachadh  air  an  obair  'n 
a  farsuingeachd. 

Air  tiis  dh'iarrainn  a  radh  gu  bheil  an 
obair  iomadh-taobhach  agus  cha  ghabh 
iomradh  mionaideach  a  dheanamh  oirre  an 
so.  Tha  aon  ni  gle  shoilleir  agus  's  e  sin  gu 
bheil  a  h-uile  cuideachadh  air  a  thoirt  dhuinn 
leis  an  "  Admiralty  "  chum  nan  nithean  a 
bhuineas  do  chxeidimh  agus  do  dhiadhaidh- 
eachd  a  thoirt  fa  chomhar  ar  n-6ganaich, 
agus  gu  fhinneach  tha  sin  'n  a  aobhar 
gairdeachais  agus  'n  a  aobhar  taingealachd. 
Chan  'eil  ach  goirid  o'n  thainig  fios  o'n 
"  Admiralty  "  as  ur,  gu  robh  iad  a'  meas  a' 
Chogaidh  so  'n  a  chath  eadar  cumhachdan 
dorchadais  agus  soluis,  agus  mar  sin  thogar 
iad  gu'm  bitheadh  gach  cothrom  air  a  ghabh- 
ail  chum  aoraidh,  urnuigh,  agus  teagasg. 
Tha  so  dhuinne  mar  theachdairean  an 
Tighearna  'n  a  nuadh-mhisneach,  a'  toirt 
fath  fios  dhuinn,  air  ar  ciil  gu  bheil  durachd 
agus  beannachd  ar  luchd-riaghlaidh. 

Cionnus,  ma  ta,  tha  sinn  a'  deanamh  ? 
Air  Sabaidean,  a  reir  nois  agus  cleachdaidh 
nach  do  chailleadh  gu  buileach  fhathast, 
tha  na  h-6ganaich  chalma  agus  ghasda  a' 
cruinneachadh  an  ceann  a  cheile  chum 
aoraidh  do  Dhia.  Cha  ghabh  e  aithris  cho 
fior  thaitneach  agus  a  tha  e  do'n  t-suil 
agus  do'n  chridhe,  gillean  an  "  Navy " 
fhaicinn  a'  dol  an  ordugh  gu  Tigh  an  Tigh- 
earna. Tha  mise  de'n  bharail  gu'n  cuireadh 
e  sunnd  an  aigne  teachdaire  sam  bith,  agus 
tha  gairm  ann  thugainn  chum  dltith  chomunn 
a  chumail  ri  Dia.  Tha  gitilan  nan  oganach 
aig  na  seirbhisean  so  'n  a  aobhar  smaoin- 
eachaidh,  agus  tha  iad  airidh  air  an  ni  as 
fhearr  is  urrainnear  a  thoirt  doibh,  agus 
taing  do  Dhia  tha  sin  againn  ann  an  soisgeul 
Chriosd. 


Seinnidh  iad  le  cridhealas,  eisdidh  iad  le 
ro-aire,  agus  chan  f haca  mise  fhathast  neach 
mi-bheusach  aig  aon  de  na  seirbhisean. 

Tha  seirbhis  Ghaidhlig  againn  gach  feasgar 
Sabaid,  agus  mar  is  trice  's  a'  mhaduinn,  ged 
nach  urrainn  dhomhsa  a  bhi  daonnan  aig  an 
t-seirbhis  mhaduinn,  ach  mo  bheannachd  aig 
na  Gaidheil,  gheibhear  an  comhnuidh  'n  am 
measg  fhein  aon  a  theid  air  ceann  a'  mheadh- 
oin,  mar  a  theirear. 

Air  feasgar  Di-ciadaoin  tha  meadhon- 
iirnuigh  againn  an  Gaidhlig,  agus  an  oidhche- 
roimhe  f  huair  sinn  tiine  "  Coinneamh  Cheisd  " 
a  chumail  agus  nach  bu  ghasda  an  sealladh 
a  bhi  faicinn  coignear  oganach  ag  eirigh  an 
deise  an  Righ  a  dheanamh  fianuis  air  obair 
an  Tighearna  'n  am  beatha. 

Maille  ri  sin,  tha  caochladh  uairean  gach 
seachduin  air  am  f  agail  an  urra  ruinn  chum 
teagasg  anns  a'  chxeidimh,  (Religious  Instruc- 
tion) a  thoirt  do'n  mhuinntir  a  tha  air 
tighinn  as  ur  do'n  "  Navy."  'S  e  sochair 
ion-mhiannaichte  tha  so,  oir  is  aithne  dhuinn 
uile  gearan  na  h-eaglais  aig  an  dachaidh  air 
an  dith-greim  anns  a  chumantas  air  an 
oigridh  chum  oileanachadh  a  thoirt  daibh 
ann  am  puingean  creidimh. 

Cuirear  an  toiseach  fa'n  comhair  conal- 
tradh  air  puing  shonruichte  mar  tha  urnuigh, 
aoradh,  bas  Chriosd,  agus  mar  sin  air  adhart, 
agus  an  sin  tha  ceisdean  agus  co-labhairt 
eadarainn.  Chan  'eil  ar  n-6ganaich  gun  a 
bhi  smaoineachadh  agus  a'  ceasnachadh, 
oir  "  cha  d'fhag  Dia  E  fein  gxm  fhianuis," 
agus  tha  sinn  an  dochas  le  cuideachadh  an 
Tighearna  nach  'eil  sinn  a'  leigeil  seachad 
a'  chothrom  so  ach  a'  deanamh  feum  dheth 
chum  leasachadh  spioradail,  an  uair  a  tha 
uiread  de  ghreim  aig  nithean  siubhlach  agus 
faicsinneach  air  inntinnean  dhaoine. 

Tha  moran  dhoighean  eile  anns  am  bheil 
obair  na  h-eaglais  a'  dol  air  adhart  am  measg 
nan  gillean,  ach  cha  cheadaich  iiine  an  corr 
a  radh  aig  an  am  so.  Chan  'eil  la  nach  'eil 
fianuis  na  h-eaglais  air  a  toii't,  a'  toiseachadh 
le  aoradh-maidne,  seinn,  leughadh,  agus 
tirnuigh,  agus  ghuidheamaid  oirbhse  aig  na 
dachaidhean  ar  cuideachadh  le  bhur  n- 
iu:nuighean  agus  le  bhur  tabhartasan  chum 
nach  dibir  an  obair  mhaith  so,  ach  gu  ma 
motha  bhios  i  air  a  meudachadh. 


Umhlaciid  agus  eas-timhlachd 

Leis  an  Urramach  Alasdair  MacFhiongJiuin,  B.D.,  Ph.D.,  an  Cill-mo-naomhaig 

"  Biodh  gach  anam  umhail  do  na  h-ard-chumhachdaihh." — Rom.  xiii.  1 

"  An  sin,  fhreagair  Peadar  agus  na  h-abstoil  uile,  Is  coir  gdill  a  tJioirt  do  Dhia  ni's  mo  na 

do  dhaoinibh." — Gnlomhara  v.  29 


TELA,  d^  dhleasdanas  an  so  nach  'eil  daonnan 
comh-reidh  ri  cheile,  umhlachd  a  thoirt  do 
luchd-riaghlaidh  na  Staide,  agus  umhlachd 
a  thoirt  do  Dhia.  Chan  'eil  dragh  anns 
a'  chilis,  am  feadh  is  a  tha  laghanna  agus 
orduighean  na  Staide,  cho  fad  is  a  theid 
iad,  a'  comli-fhreagradh  ri  lagh  Dhe.  Ach 
an  uair  a  tha  iad  air  atharrachadh,  ag 
orduchadh  do  dhaoine  an  coguisean  aicheadh 
agus  ar-a-mach  a  dheanamh  air  riaghailtean 
naomha  Dhe,  is  e  gnothuch  eile  a  tha  arm, 
agus  gnothuch  deuchainneach ;  oir  c6  air 
bith  a  theid  an  aghaidh  nan  ard-chumhachd- 
ach,  chan  ann  a  nasgaidh  a  ni  e  sin  dha 
fein  agus  d'a  theaghlach.  Air  an  laimh  eile, 
ma  gheilleas  e  dhaibh,  a  dh'aindeoin  a 
choguise,  tha  e  a'  dimeas  air  Dia,  agus  a' 
cur  a  lagha  ann  an  suaraicheas,  air  son 
e-fein  agus  each  a  dhion  o  fhulangas  agus 
o  chall. 

Eeachd  na  Staide. 

Tha  cuid  de'n  bheachd  nach  'eil  e  ceart 
dol  an  aghaidh  reachd  na  Staide  air  son 
aobhair  air  bith,  eadhon  ged  a  bhiodh  e 
trom  air  a  choguis ;  gur  e  dleasdanas  duine 
daonnan  a  bhi  umhail;  agus  ma  tha  an 
reachd  a'  toirt  oilbheim  dha,  oidhirp  shioch- 
ail  a  dheanamh  gu  bhi  'g  a  atharrachadh 
far  am  bheil  e  'ga  ghortachadh.  Their 
iadsan  gu  bheil  uachdranachd  agus  riaghailt 
cho  feumail  agus  cho  priseil  is  nach  urrainear 
tighinn  as  an  eugmhais,  agus  dona  is  gu'm 
feud  cuid  de'n  lagh  a  bhi,  gu  bheil  a'  chuid 
is  mo  dheth  ceart  gu  leoir ;  agus  ma  thoisich- 
ear  air  ceannairc,  nach  'eil  fhios  c'aite  an 
sguir  i,  agus  gu'm  feud  troimh-cheile  mhor 
eirigh  'na  lorg ;  mar  sin,  gur  fearr  neo- 
iomlaineachd  an  lagha  f  hulang  seach  buaireas 
a  thogail. 

Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  tomhas  maith 
de'n  fhirinn  agus  de  ghliocas  anns  a'  bheachd 
so,  gu  sonruichte  far  am  bheil  uachdranachd 
thuigseach,  a  tha  deas  gu  bhi  a'  leasachadh 
an  lagha,  agus  a'  ceartachadh  gach  riaghailt 
a  tha  trom  air  coguisean  dhaoine.  Ach 
ciamar  a  dh'oibricheadh  am  beachd  ud  far 
am  bheil  an  uachdranachd  cruaidh,  coma, 


gun  mheas  air  coguis,  gun  chtiram  eile  ach 
an  duthaich  a  riaghladh  le  slait  iaruinn, 
agus  gach  gearan  no  tagradh  a  fhreagairt 
le  bagradh  no  peanas  ?  Cha  chi'eid  mi  gu'n 
tigeadh  moran  leasachaidh  air  laghanna 
eucorach  fo  uachdranachd  bhrein,  cho  fad, 
is  a  bhiodh  na  h-uile  umhail  dhi.  Cuin  a 
dh'fhagadh  clann  Israeli  an  Eiphit  le  bhi 
a'  deanamh  an  gearain  ri  Pharaoh  ?  Cuin 
a  gheibh  sluagh  Pholand  saorsa  no  ceartas 
le  bhi  a'  tagradh  an  c orach  ri  EQtler  ? 

Coguis  nan  abstol. 

Thainig  an  imcheist  so  gle  thrath  air  na 
h-abstoil.  Coltach  ris  na  h-Iudhaich  uile, 
bha  meas  mor  aca-san  air  ughdarras  agus 
luchd-riaghlaidh.  'N  an  sgriobhaidhean  tha 
iad  a'  teagasg  umhlachd  a  thoirt  do'n 
uachdaran  mar  sheirbhiseach  Dhe,  agus 
urram  a  thoirt  do'n  righ,  mar  gu'n  robh 
iad  na  bu  mhothachaile  n'an  corr  air  cho 
feumail  is  *a  tha  ordugh  laghail  anns  gach 
dilthaich.  Fhathast,  an  uair  a  thoirmisg 
na  h-uachdarain  do  Pheadar  agus  do  na 
h-abstoil  eile  labhairt  no  teagasg  ann  an 
ainm  Chriosd,  dhiult  iad  iimhlachd  a  thoirt 
dhaibh  ann  an  larach  nam  bonn.  Dh'f hailing 
iad  priosan  air  son  an  diibhlain;  agus  cha 
bu  luaithe  a  fhuair  iad  mu  reir,  gun  taing 
do  na  h-uachdarain  cheudna,  na  dhiult  iad 
a  ritbist  a  bhi  'n  an  tosd.  A  ris,  b'e  na 
sagairtean  ud  riaghladairean  laghail  na 
diithcha,  fo  na  Romanaich,  anns  na  gnoth- 
uichean  a  bhuineadh  do  chreideamh  agus 
do  aoradh  an  t-sluaigh ;  agus  cha  do  chuir 
na  h-abstoil  teagamh  'n  an  coir.  Ach  a  db' 
aindeoin  sin,  thubhairt  iad  riu  anns  an 
aodann  gu  bheil  ughdarras  Dhe  os  cionn 
nan  uile,  agus  nach  ceadaicheadh  e  dhaibh 
umhlachd  a  thoirt  do  reachd  a  bha  a' 
toirmeasg  an  dearbh  ni  a  dh'  orduich  Dia 
dhaibh,  eadhon  fianuis  a  thogail  air  an 
fhiriim  agus  air  a'  ghras  a  dh'fhoillsicheadh 
dhaibh  ann  an  losa  Criosd.  Na'n  deanadh 
iadson  toil  nan  uachdaran,  bhiodh  iad 
ciontach  de  pheacadh  gun  tomhas,  gun 
chrich.  Mar  sin  bha  e  soilleir  dhaibh,  measail 
ged  a  bha  iad  air  ordugh  agus  riaghailt,  gu'm 
b'  e  an  dleasdanas  aig  an  am  a  bhi  eas-umhail. 


6 


UMHLACHD  AGUS  EAS-UMHLACHD 


Is  docha  gu'm  freagradh  na  sagairtean 
nach  robh  na  h-abstoil  ach  'g  am  mealladh 
fein  agus  an  t-sluaigh ;  nach.  b'  ann  do  Dhia 
idir  a  bha  iad  a'  toirt  geill  ach  do  bheachdan 
fallsa,  cunnartach,  a  fhuair  iad  o  losa  o 
Nasaret  a  th^img  gu  diteadh  follaiseach  agus 
gu  crich  th^mailtich.  Ach  bha  dearbh- 
chinnt  aig  na  h-abstoil  gu'n  do  labhair 
Dia  riu  le  cumhachd  gun  choimeas  ann  am 
beatha,  teagasg,  fulangas,  agus  ais-eirigh 
Chriosd,  cha  bhiodh  ann  an  argumaid  nan 
uachdaran  ach  amaideas  'n  an  cluasan;  agus 
cha  bu  leir  dhaibh  ciirsa  eile  a  bhi  ceadaichte 
dhaibh  le  oaair  ach  a  bhi  eas-umhail  d'an 
ordugh  agus  fianuis  a  thogail  Dha-san. 

An  Eaglais  agus  an  Staid. 

Is  fhada  uainne  na  laithean  ud,  agus  is 
iomadh  car  a  chuir  an  saoghal  dheth  eadar 
iadsan  agus  sinne ;  ach  riamh  f hathast,  cha 
do  chuireadh  a  dh'aon  taobh  a'  chonnspaid 
eadar  iighdarras  na  Staide,  no  na  h-Eaglais, 
agus  ughdarras  Dhe  thairis  air  daoine.  Tha 
e  soilleir  dhuirm  uile  gu'n  do  bhuilich  Dia 
ughdarras  araon  air  an  Staid  agus  air  an 
Eaglais  air  son  deagh  orduigh  agus  maith 
nan  uile,  agus  mar  an  ceudna  gur  e  dleasdanas 
nan  uile  agus  iarrtus  dhaoine  maithe,  am 
bitheantas  a  bhi  umhal ;  seadh,  gur  e  aobhar 
neo-chumanta  cudthromach  a  dh'fhirinnich- 
eadh  daoine  a  dhol  an  aghaidli  orduigh  nan 
ard-chumhachdan.  Ach  gun  teagamh  air 
bith,  tha  a  leithid  sin  de  aobhar  ann ;  agus 
tha  e  ag  eirigb  cho  luath  is  a  dh'agaireas  an 
Staid  no  an  Eaglais  tighearnas  thairis  air 
beachdan  agus  coguisean  dhaoine,  mar  sin 
a'  dol  thar  na  criche  a  tha  dligheach  dhaibh, 
agus  a'  gabhail  'g  an  ionnsaidh  cumhachd 
nach  buin  dhaibh ;  oir  tha  peacadh,  aineolas, 
agus  neo-iomlaineachd  comh-cheangailte  ris 
an  Staid,  ri  a  laghamia,  agus  ri  a  h-oifigich. 
A  thaobh  na  h-Eaglais,  ged  nach  do  threig 
an  Spiorad  riamh  i,  tha  eachdraidh  a' 
dearbhadh  gu  pailt  gur  iomadh  mearachd 
agus  foirneart  a  riim  a  luchd-riaghlaidh; 
agus  ma  bha  uachdarain  na  Staide  trom 
air  coguisean  dhaoine  aig  amanna  sonruichte, 
nach  robh  iad  riamh  cho  searbh  ri  uachdran- 
achd  a'  Phapa  fad  iomadh  ginealach,  gus  mu 
dheireadh  an  do  chlaoidheadh  a  chumhachd 
le  eas-umhlachd  Lutheir  agus  a  sheorsa  ann 
an  iomadh  diithaich.  Mar  sin,  o  nach  'eil 
aon  seach  aon  dhiubh  saor  o  mhearachd 
agus  o  pheacadh,  tha  e  mi-iomhchuidh 
dhaibh  le  cheile  umhlachd  iomlan  iarraidh 
air  daoine.  Buinidh  Ian  ughdarras  a  mhain 
do  Dhia,  do  bhrigh  iomlaineachd  a  ghliocais 
agus  a  mhaitheis;  agus  air  an  aobhar  sin, 
tha  e  mar  f  hiachaibh  oirnn  aite  fein  a  thoirt 
Dha  mar  ar  Tighearna,  cho  measail  is  g  'am 
bi  sinn  air  Eaglais  agus  air  Staid. 


A'  Ghearmailt  agas  lapan. 

Anns  na  laithibh  so,  tha  an  t-seann  chonn- 
spaid ud  air  a  h-tirachadh  feadh  an  t-saoghail, 
gu  sonruichte  le  uachdranachd  na  Gearmailt, 
agus  ann  an  tomhas  is  lugha,  le  lapan.  Tha 
na  Gearmailtich,  Ian  de  f  hion  ur  an  cumhachd 
fein  agus  air  bhoil  air  son  an  t-saoghail  a 
bhuidheann,  a'  teagasg  gur  e  ordugh  na 
Staide  an  t-tighdarras  is  airde  a  tha  ann, 
ged  nach  'eil  anns  an  Staid  aca  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  ach  triiiir  no  ceathrar  de 
dhaoine  cho  reasgach,  ain-diadhaidh  is  a 
chunnacas  air  aghaidh  na  talmhainn  o  linn 
na  Tuile ;  thdir  iad  gur  ann  an  orduighean 
na  Staide  a  tha  Dia  a'  labhairt  ris  an  t-sluagh, 
agus  a'  cur  a  thoile  fa  'n  comhair ;  mar  sin, 
gu  bheil  gach  gniomh  ceart  a  dh'  orduicheas 
an  Staid,  no  a  chuidicheas  i,  no  a  mheud- 
aicheas  a  cumhachd,  no  a  dh  fharsuingicheas 
a  criochan;  agus  nach  urrainn  duine  a  bhi 
ann  an  eucoir  a  tha  umhail  d'a  riaghailt  ged 
bhiodh  fior  choltas  an  uilcoirre,  mar  tha 
breugan,  mealladh,  brathadh,  briseadh- 
cumhnaint,  geur-leanmhainn,  agus  gach  beist- 
ealachd  eile  a  bhuineas  do'n  dorchadas ; 
gu  bheil  a'  ghrainealachd  so  uile  air  a  cois- 
rigeadh  agus  air  a  h-atharrachadh  gu  ard- 
bheusalachd,  ma's  ann  an  seirbhis  na  Staide 
a  ghniomhaichear  e.  Is  e  an  truailleadh 
eagalach  so  air  an  coguisean  is  aobhar  ann 
an  tomhas  mor  air  briiidealachd  nan  Gear- 
mailteach  anns  a'  chogadh.  Ann  an  Mte 
naire  a  bhi  orra,  is  ann  a  tha  iad  ri  uaill  as 
am  breine  ghraineil,  mar  dhearbhadh  air 
an  eud  ann  an  seirbhis  na  Staide.  Aig  a' 
cheart  am,  cha  choir  a  bhi  a'  di-chuimhneach- 
adh  gu  bheil  moran  arms  a'  Ghearmailt, 
cuid  dhiubh  anns  a'  phriosan,  nach  lub  an 
glun  do  Bhaal  na  Staide,  aig  am  bheil  deadh 
thaigse  gur  coir  geill  a  thoirt  do  Dhia  ni  's 
mo  na  do  dhaoine. 

Faileasan  dhaoine. 

Gus  an  aithne  do  dhaoine  seasamh  air  a' 
phrionnspal  sin,  is  gann  gur  fiach  iad  an 
ainm  mar  dhaoine;  chan  'eil  annta  ach 
faileasan  dhaoine,  sliomaireach,  trailleil  'n 
an  spiorad,  deas  gu  droch-bheairt  air  bith 
a  ghniomhachadh  aig  ordugh  nan  uachdaran. 
Cha  tig  as  a  leithid  sin  de  iimhlachd  ach  olc 
agus  truaighe. 

Is  ann  an  uair  a  tha  duine  a'  cluinntinn 
facail  an  Dhe  bheo,  agus  a'  toirt  umhlachd 
dha  OS  cionn  gach  orduigh,  is  duine  e  da- 
rireadh.  Is  ann  o  dhaoine  de  'n  t-seorsa  sin 
a  mhain  a  dh'eireas  laghanna  cothromach, 
deagh  ordugh,  agus  saorsa  aims  an  Staid. 
Is  iadsan  agus  chan  e  na  sliomairean  a  ni 
an  Staid  urramach,  agus  airidh  air  umhlachd 
agus  seirbhis  dhaoine.       Mar  is  lionmhoire 


UMHLACHD  AGUS  EAS-UMHLACHD— TEARLACH  GEANND 


iadsan  a  bheir  aite  fein  do  Dhia  os  ciorm 
nan  uile,  is  ann  is  cinntiche  a  gheibh  an  Staid 
an  iimhlachd  a  tha  dligheach  dhi. 

Saorsa  mhic  an  duine. 

Thug  Shadrach,  Meshach,  agus  Abed-nego, 
diibhlain  do  Nebuchadnesar,  agus  chaidh 
iad  do'n  ^mhuinn  theintich  mu'n  cromadh 
iad  fa  chomhair  na  h-iodhail  mhoir  aige-san 
ann  an  comhnard  Dhura.  Is  e  an  seorsa 
aca-san  a  bhuidhinn  saorsa  mhic  an  duine 
anns  gach  diithaich  a  tha  'g  a  sealbhachadh. 


A  dh'aindeoin  mar  dh'eirich  do  Nebuchad- 
nesar, tha  Bitler  de'n  bheachd  gur  esan  a 
bha  ceart ;  agus  tha  e  'g  a  leantuinn  an  kite 
rabhaidh  a  ghabhail  o  eachdraidh.  Ach 
thig  latha  a'  bhreitheanais  airsan  cuideachd ; 
agus  thig  e  air  a  chionn  gu  bheil  'na  aghaidh 
duthchanna  cumhachdach  anns  am  bheil  a' 
mhor-chuid  a'  creidsinn,  feumail  is  mar  a 
tha  iighdarras  agus  ordiTgh  na  Staide,  gu 
bheil  tighdarras  Dhe  os  cionn  uachdaran 
agus  iochdaran  le  cheile,  agus  gur  coir  geill 
a  thoirt  do  Dhia  ni's  mo  na  do  dhaoine. 


Tearlach  Grannd 


GED  nach  robh  Tearlach  Grannd  'n  a  shois- 
geulaiche  no  'n  a  shearmonaiche  feumar  a 
chunntas  am  measg  nan  daoine  a  thug  an 
soisgeul  do  na  h-Innsibh  an  Ear.  Thug  a' 
Ghaidhealtachd  do  Africa  deagh  charaid  agus 
deagh  thiodhlac  ann  an  Daibhidh  Mac  an 
Leigh,  agus  thug  i  deagh  charaid  do  na 
h-Innsibh  an  Ear  ann  an  Tearlach  Gramid, 
duine  a  tha  airidh  air  aite  f  haotainn  ann  an 
cuideachd  nan  soisgeulaichean  sin — Carey, 
Martyn,  Heber,  Wilson,  Duff. 

Rugadh  e  ann  an  1746,  ann  an  sgir  Urchad- 
ainn  ri  taobh  Loch  Nis.  Aig  an  am  bha  athair 
a  mach  leis  a'  Phrionnsa,  ach  roimh  latha 
Chvdl-fhodair,  f huair  e  f hein  is  deich  ar  f hich- 
ead  d'a  chompanaich  cothrom  tighinn  gu 
baile,  chum  an  leanabh  a  bhaisteadh.  B'e 
sin  am  baisteadh  !  Thugadh  ainm  a'  Phri- 
onnsa air  an  leanabh;  shin  na  gaisgich  an 
claidhean  trasd  air  a'  chreathaill  is  thug  fear 
as  deidh  fir  dhiubh  air  an  leanabh  breith 
air  a'  chlaidheamh  mar  chomharra  air  dils- 
eachd  do'n  Righ  dhligheach. 

Ach  cha  b'  ann  do  chogadh  a  choisrig 
Tearlach  Grannd  a  bheatha,  ach  do  aobhar 
na  sithe.  An  uair  a  thainig  e  gu  ire  duine, 
f huair  e  ^ite  anns  na  h-Innsibh  an  Ear  o'n 
Cbomunn  a  bha  a'  riaghladh  na  diithcha 
sin,  agus  gu  la  a  bhais  bha  a  chridhe  an 
ceangal  ris  na  h-Innsibh,  agus  bha  a  lamh 
's  a  theanga  's  a  pheann  ag  oibreachadh  gun 
sgur  as  leth  an  t-sluaigh.  Bha  e  'n  a  fhear- 
riaghlaidh  glic,  agus  dh'  fhag  e  larach  a 
laimhe  air  an  diithaich  ann  an  iomadh  doigh, 
ach  is  e  na  rinn  e  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil 
a  chumas  'ainm  air  chuimhne  gu  br^th. 

O'n  cheud  la  a  chaidh  e  air  tir,  agus  a 
chunnaic  e  an  dorchadas  agus  an  t-aineolas 
anns  an  robh  na  h-Innsean,  b'e  dtirachd  a 
chridhe  an  creideamh  Criosduidh  a  thoirt  do 
'n  t-sluagh.  Chruinnich  e  mu'n  cuairt  air 
daoine  de'n  aon  inntinn  ris  fhein,  is.bhros- 


nuich  e  na  h-Eaglaisean  gus  an  obair  a 
ghabhail  os  laimh.  Th  arming  e  aire  Shasuinn 
gu  cor  nan  Innsean;  leati  e  air  sgriobhadh 
gu  Easbuigean  agus  diadhairean  agus  Com- 
uinn  Chriosduidh  aig  an  tigh  gus  nach  b' 
urrainn  iad  an  suilean  a  dhunadh  n'a  b'  fhaide. 

Chan  'eil  tiine  againn  cunntas  a  thoirt  air 
meud  na  h-oibre  a  rinn  e,  ach  is  leoir  a  radh 
gur  e  Tearlach  Grannd  a  thug  Carey  agus 
Martyn  do  na  h-Innsibh,  gu'n  do  chuir  e  air 
an  cois  iomadh  eaglais  anns  an  dtithaich, 
gu'n  do  chuidich  e  saorsa  a  thoirt  do  na 
tr^illean,  gu'n  do  chuir  e  Wilson  do  Chalcutta, 
agus  gu'n  do  chuidich  e  gu  mor  le  Wilberforce 
agus  r'a  chairdean. 

Sgriobh  e  aon  uair  gu  aon  de  na  soisgeul- 
aichean— Gu'm  beannaicheadh  Dia  t-obair, 
agiis  gu'm  biodh  soirbheachadh  agad  ann  a 
bhi  craobh-sgadileadh  edlais  air  Criosd,  air 
fJiacal,  agus  air  a  shlainte.  Tha  sinn  uile  cho 
marbh  agus  cho  dearmadach  air  na  cothroman 
a  tha  Dia  a'  toirt  dhuinn  's  gu  bheil  eagal  orm 
gu'n  tionndaidh  e  bhuainn  mar  a  thionndaidh 
e  o  shluagh  Israel.  Tha  mi  an  ddchas  gu  bheil 
Criosduidhean  fhathast  ann  am  Breatunn,  ach 
tha  e  coltach  gu  bheil  iad  meagh-bhlath  agus 
gu'n  do  chaill  an  creideamh  a  chumhachd. 
Gu'n  ullaicheadh  Dia  luchd-oibre  air  son  an 
fhogJiair.  Tha  caraid  agad  annam-sa.  Abair 
am  facal  is  ni  mi  no's  tirrainn  mi. 

An  uair  a  chuala  Wilberforce  naidheachd 
a  bhMs,  sgriobh  e,  "Cha  b'  aithne  dhomh 
duine  riamh  a  b'  fhearr  na  Tearlach  Grannd. 
Na'n  d'  fhuair  e  cothrom  'n  a  oige  dh' 
fhaodadh  e  bhi  cho  ainmeil  ann  an  litreachas 
's  a  bha  e  ami  an  riaghladh.  Bha  a  bheatha 
folaichte  ann  an  Criosd.  Bha  e  cho  fada  os 
cionn  an  t-saoghail  so  's  gu  robh  e  daonnan 
ullaichte  air  son  an  t-saoghail  eile.  Is  mor 
an  call  a  bhas,  ach  tha  e  'n  a  aobhar  taingeal- 
eacbd  gu'n  d'  fhag  Dia  e  gus  an  do  chuir  e 
an  siol  anns  na  h-Innsibh  an  ear,  siol  a  bheir 
a  mach  moran  toraidh." 


GADHILIG  AN  AM  PLYMOUTP— LAOIDH 


Gaidhlig  ann  am  Plymouth 

Leis  an  Urramach  Seumas  A.  DdmhnuUach,  Larkhall 


CHAIDH  an  cothrom  a  thoirt  dhomh  air  an 
t-samhradh  so  air  da  mhios  a  chur  seachad 
ann  am  Plymouth  am  measg  cuid  de  na 
balaich  Ghaidhealach  a  tha  deanamh,  seirbhis 
maille  ris  a'  Chabhlach.  Bhreatunnach. 

Seachduin  no  dha  mu'n  do  rainig  mi,  bha 
Plymouth  air  ainmeachadh  gu  bitheanta 
anns  na  naidheachdan  air  son  an  dochainn 
a  bha  e  a'  faighinn  o  na  h-itealan  Gear- 
mailteach.  Is  ann  a  bha  eagal  orm  mu'n 
ruiginn  e  nach  bitheadh  clach  air  laraich, 
ach  cha  robh  a'  chuis  mar  sinn  idir,  agus  is 
ann  a  fhuair  mi  an  sluagh  a'  dol  mu'n  cuairt 
gu  cittin  stolda,  arm  an  doigh  a  nochd  dhomh 
cho  seasmhach  agus  treun  's  a  tha  cridhe 
ar  luchd-duthcha.  Bha  agam  an  toiseach 
ri  rum  fhaighinn  air  son  coinneachadh  ris 
na  balaich — oir  chaidh  innseadh  dhomh  gu'n 
deachaidh  an  t-aite  anns  am  b'abhaist  dhoibh 
a  bhi  criiinneachadh  a  mhilleadh,  agus 
chaidh  sin  a  thoirt  dhomh  gu  toileach  le 
uachdarain  a'  phuirt. 

Is  e  gunnaireachd  a  bhathas  a'  teagasg 
anns  an  riim  sin  feadh  an  latha,  ach  nuair 
a'  smaoinicheas  thu  air  cha  robh  e  cho 
mi-fhi'eagarrach  ois  tha  searmonachadh  an 
t-soisgeil  ag  iarraidh  am  fear-teagaisg  a  bhi 
airmseach  agus  cuimseach.  Dh'fhag  an 
cogadh  a  larach  air  ar  tigh-coinneamh  oir 
a  thuilleadh  air  losainn  bhriste  bha  dha  no 
tri  thuill  anns  an  lobhtaidh  os  ar  cionn  a 
rinneadh  le  incendiaries,  agus  air  a'  cheud 
fheasgar  fliuch  bha  boinneachan  a'  tuiteam 
a  nuas,  ach  mar  dheagh  Ghaidheil  cha  do 
chuir  sinn  umhail  air  boinne-snidhe. 


Chuir  a'  cheud  choinneamh  a  bha  againn 
ann  an  deagh  mhisneach  mi,  oir  bha  corr 
agus  fichead  de  ghillean  sgairteiJ,  tapaidh, 
'g  am  f  heitheamh.  Bha  coinneamh  Ghaidhlig 
againn  a  h-uile  feasgar  Sabaid,  agus  air  da 
fheasgar  feadh  na  seachduin.  Bha  fear 
dhiubh  fhein  a'  dol  an  ceann  na  seinn  agus 
bha  cuid  aca  d'  am  b'  aithne  sin  a  dheanamh 
gu  maith. 

Aig  na  coinneamhan  seachduin  bhith- 
eadh  comhradh  againn  air  bunaitean  a' 
Chreidirnh;  air  uairean  bhitheadh  cuid  de 
na  balaich  a'  cur  cheisdean  agus  a'  toirt  am 
beachd  fein  air  cuid  de  na  puingean  a  bhiodh 
ag  eirigh.  Bhitheadh  a  rithist  tacan  comh- 
raidh  againn  an  deidh  na  coinnimh  anns  an 
robh  sinn  a'  cur  eolas  na  b'  fheair  air  a  cheile. 

Bha  na  balaich  a'  nochdadh  gu  robh  iad 
an  comain  na  h-eaglais  air  son  a  bhi  a' 
cuimhneachadh  orra  's  an  doigh  so,  cho  fada 
o  'n  dachaidh.  Cha  robh  moran  aiteachan 
dh'  am  b'  urrainn  dhoibh  a  dhol  's  na 
feasgair  nuair  a  bha  iad  mu  sgaoil,  oir  chaidh 
moran  de  na  h-a.iteachan  a  bha  fosgailte  do 
sheoladainean  a  mhilleadh. 

Tha  e  'na  sholas  do  na  ministearan  a 
dhol  'n  am  measg,  oir  cha  b'  urrainn  doibh 
buidhean  fhaighinn  ann  an  aite  sam  bith 
a  dh'  eisdeas  na's  durachdaiche  ri  soisgeul 
na  slainte. 

Is  maith  is  airidh  iad  air  gach  suim  a 
ghabhas  an  eaglais  dhaibh,  fa  chomhair  an 
latha  's  am  bheil  sinn  an  doclias  an  till  iad 
dhachaidh  sabhaiite,  agus  am  bi  iad  'n  an 
cul-taic  do  dh'  aobhar  an  Tighearna  anns  a' 
Ghaidhealtachd . 


DHIA,  mu  'n  dealaich  sinn  bi  tabbairt 

Dhuinn  gu  grasmhor,  gradh  gun  dith ; 

Beannaich  d'  fhacal  chaidh  a  labhairt ; 
Beatha  builich  oirnn,  is  sith  ; 
'S  nuair  a  thilleas  sinn  do  'n  t-saogh'l, 
Biodh  ar  cridh'  ad  chomunn  gaoil ; 
Thoir  dhuinn  stiiiradh 
'S  dion  o  chiiirradh, 

Gus  an  ruig  sinn  lanachd  mhor 

Do  chuid  naomh,  gu  h-ard  an  Gloir. — Amen. 


Aireamh   1 1 


1941 


Searmon-buidheachais  air  son  an  Fhoghair 

Leis  an  Ollamh  Colla  Ddmhmdlach,  an  Lagan  mo-Choid 

Thigibh  a  steach  'n  a  gheataibh  le  buidheachas,   'n  a  chuirtibh  le  moladh  : 
thugaibh  buidheachas  dha  :  beannaichibh  'ainm. — Salm  c.  4. 


IS  ann  le  buidheachas  agus  moladh  a  tha  e 
iomchuidh  dhuinn  tighinn  do  thigh  agus  do 
chiiirtibh  Dhe.  Tha  sinn  ag  aideachadh  gu  'm 
bheil  "  gach  uile  dheagh  thabhartas  agus  gach 
uile  thiodhlac  iomlan  o  'n  airde  a'  teachd  a 
nuas  o  Athair  na  soillse."  Nach  e  ar  dleasd- 
anas  air  an  aobhar  sin  buidheachas  agus 
moladh  a  dhioladh  dhasan  a  tha  frithealadh 
le  laimh  shaibhir  do  na  h-uile  dhaoine. 

Chan  'eil  mi  ag  radh  no  a'  ciallachadh 
gur  e  buidheachas  a  mhain  priomh  aobhar  ar 
cruinneachaidh  ann  an  tigh  Dhe.  Tha  sinn, 
an  deidh  s^ruchadh  agus  amhghar  na  seachd- 
uin,  a'  beachdachadh  air  ar  beatha  ann  an 
sealladh  an  Ti  a  tha  'g  ar  faicinn  gun  sgleo 
air  a  shiiil.  Tha  sinn  ag  aideachadh  ar 
peacanna  agus  ar  teachdan-ge^rr,  agus  le 
muinghinn  cloinne  ag  iarraidh  maitheanais 
airsan  "  a  tha  ealamh  gu  maitheanas  a 
thoirt  seachad,  grasmhor  agus  trocaireach, 
mall  a  chum  feirge  agus  pailt  ann  an 
truacantas." 

Theid  sinn  do  thigh  Dhe  le  cridhe  trom  a' 
bhroin  ag  iarraidh  solus  a  ghnuise  agus 
comhfhurtachd  a  lathaireachd.  Ciod  air 
bith  ar  n-aigne,  tha  sinn  a'  creidsinn  gu  'm 
bheil  baigh  aig  Dia  ruinn  agus  gu  'n  dean 
e  fuasgladh  oirnn  anns  gach  uireasbhuidh. 
Ach  tha  aon  staid  inntinn  o  'n  tionndaidh 
Dia  a  ghntiis  agus  is  e  sin  spiorad  gearanach, 
mi-thaingeil. 

Inntinn  neo-thaingeil. 

'Nar  measg  fein  cha  toil  leinn  luchd- 
cithein  is  canrain,  am  fear  a  tha  sealltainn 
air  a  chruaidh-chas  gus  nach  leir  dha  aon 
trocair  'n  a  chrannchur.  Is  lionmhor  failing 
a  tha  'g  ar  leantuinn,  cuid  dhiubh  air  bheag 
lochd  'n  ar  stiilean,  ach  bha  mi-thaingealachd 
am  measg  gach  cinneach  agus  anns  gach  linn 
gun  lethsgeul,  gun  dion.  Is  trie  a  ghabhas 
daoine  lethsgeul  luchd  na  h-eucoir,  ach  cha 
labhair  neach  facal  as  leth  an  fhir  a  tha 
mi-thaingeil.  Am  fear  a  thionndas  air  a 
charaid,  a  leonas  lamh  na  scire,  agus  a 
phaigheas  cairdeas  le  naimhdeas,  tuitidh 
buille  gach  neach  air,  agus  criochnaichidh  e  a 
thurus  gun  ch^irdean.    Ma  tha  taingealachd 


anns  a'  chridhe  thig  dearbhadh  air  ged 
bhitheas  briathran  a'  bhuidheachais  gann. 
Ged  bhitheas  sinn  gle  bhalbh  ann  an  lathair 
ar  cairdean,  faodaidh  sinn  a  bhi  taingeil  gu 
leoir,  ach  tha  tiodhlacan  Dhe  cho  lionmhor 
agus  cho  comharraichte  agus  gu'n  tig  sinn 
fo  amharus  mur  an  teid  sinn  d'a  gheataibh 
le  buidheachas  agus  d'a  chiiirtibh  le  moladh. 

Am  bheil  e  ceart  buidheachas  a  thoirt  do 
Dhia  mur  leir  dhuinn  a  mhaitheas  agus  a 
throcair  ?  Tha  sinn  da-rireadh  dall  mur 
leir  dhuinn  trocairean  Dhe.  Ciod  air  bith  ar 
suidheachadh  chan  'eil  sinn  gun  chomain 
air  Dia.  An  uair  a  chaill  an  diadhair  ainmeil, 
leremy  Taylor,  a  chuid  agus  a  dhachaidh, 
agus  a  bha  na  maoir  ann  an  seilbh  a  thighe, 
sgriobh  e  na  briathran  so — "  tha  mi  air 
tuiteam  ann  an  lamhan  nam  maor  agus 
nam  meirleach,  agus  thug  iad  bhuam  gach 
ni  a  bha  agam.  Ciod  mata  ?  Seallam  mu  'n 
cuairt  orm.  Cha  d'thug  iad  bhuam  a'  ghrian 
agus  a'  ghealach.  Tha  bean  mo  ghraidh 
agam,  agus  cairdean  a  nochdas  caoimhneas 
rium  agus  cuid  a  ni  comhnadh  learn.  Theid 
agam  fathast  air  searmonachadh,  agus  mur 
togair  mi,  cha  chaill  mi  mo  chridhealas.  Is 
leam  fein  mo  choguis.  Dh'  fhag  iad  agam 
freasdal  an  Tighearna  agus  geallaidhean  an 
t-soisgeil,  mo  chreideamh,  agus  mo  dhochas 
ri  neamh.  Theid  agam  air  cadal,  air  itheadh 
agus  air  61.  Theid  agam  air  leughadh  agus 
air  breithneachadh.  Agus  am  fear  aig  am 
bheil  a  liuthad  aobhar  gairdeachais  agus  a 
tha  agamsa,  tha  e  ann  an  gaol  air  mulad 
agus  gearan,  ma  shuidheas  e  air  Ian  na 
diiirne  de  na  drisean  a  tha  'n  a  chrannchur." 

An  uair  a  shuidheas  sinn  air  na  drisean, 
ag  altrum  ar  mi-fhortain  agus  a'  caoidh  nan 
laithean  a  dh'  aom,  teichidh  mulad  air 
sgiathan  na  gaoithe  cho  luath  agus  a  ni 
sinn  aireamh  air  na  sochairean  a  tha  air 
fhagail.  Tha  iad  os  cionn  aireamh  agus  os 
cionn  ar  toillteanas. 

Air  an  duthaich. 

Theid  aig  muinntir  nam  balltean  air  an 
comain  air  Dia  a  dhi-chuimhneachadh.  Air 
sraidean  nam  bailtean  le  'n  iipraid  agus  le  'n 


SEARMON-BUIDHEACHAIS  AIR  SON  AN  FHOGHAIR 


cabhaig,  chan  'eil  cothjom  breithneachaidh 
aig  duine,  agus  fa  chomhair  na  stila  chan  'eil 
ni  ach  obair  dhaoine.  Ach  is  mall  agus 
dorcha  inntinn  an  fhir  a  tha  caitheamh  a 
laithean  air  an  dtithaich,  mur  'eil  eolas  aige 
air  freasdal  Dhe.  Tha  sinn  ann  an  co-chuid- 
eachd  ris  an  talamh,  ag  eirigh  o'n  duslach 
air  ttis,  an  crochadh  rithe  air  son  ar  beo- 
shlainte,  agus  a'  tilleadh  g'a  h-ionnsuidh. 
Tha  sinn  a'  cur  failt  le  ^rd  urram  agus 
miagh  air  a'  ghrein  agus  air  na  frasan, 
teachdairean  Dhe,  a  tha  co-oibreachadh 
maille  ruinn  ann  an  toradh  gun  saothair 
dhaoine,  agus  nach  dean  saothair  toradh 
gun  bheannachadh  Dhe.  Tha  obair  Dhe 
foUaiseach  dhuinn.  Chan  'eil  ana-creidmhich 
lionmhor  air  an  diithaich.  Faodaidh  nach 
'eil  sinn  gu  riaghailteach  a'  tighinn  le  moladh 
agus  buidheachas  do  chiiirtibh  Dhe,  ach  chan 
urrainn  dhuinn  a  dhi-chuimhneachadh.  Anns 
an  fhoghar,  an  uair  a  tha  Dia  a'  crunadh 
saothair  dhaoine  le  mhaitheas,  tha  sinn  a' 
tighinn  cruinn  ann  an  tigh  an  Tighearna  a 
bhrosnachadh  spiorad  a'  bhuidheachais  agus 
a  dh*  aideachadh  trocair  agus  dilseachd 
Dhe. 

.  Bu  bhochd  am  foghar  nach  gairmeadh 
daoine  do  chiiirtibh  Dhe  le  buidheachas,  ach 
an  uair  a  thilg  am  fonn  brioghmhor,  mar  a 
rinn  e  am  bliadhna,  barr  saibhir,  agus  a 
f  huair  daoine  aimsir  fhreagarrach  g'a  thional, 
is  fuar  agus  gnil  an  cridhe  nach  tionndaidh 
ann  an  gairdeachas  ri  Dia. 

Pailteas  bldh. 

Ma  bheachdaicheas  sinn  air  suidheachadh 
bochd  an  t-saoghail  aig  an  am  so,  nach  ann 
againne  a  tha  aobhar  a  bhi  taingeil  ?  Tha  corr 
agus  da  bhliadhna  bho  'n  a  thoisich  an 
cogadh  mor,  ach  aon  namhaid  cha  do  leag 
cas  air  fearann  Bhreatuinn.  Tha  diithchanna 
eile  air  an  sgrios  agus  air  an  rusgadh,  na 
daoine  a  bha  ag  aiteachadh  an  fhearainn  air 
an  iomain  air  faibh  agus  tirean  torach  air 
am  fagail  'n  am  fasaichean  lom.  Tha 
miltean  de  shluagh  ann  an  tir  nan  coimheach 
agus  moran  a  bha  aon  uair  saibhir  a'  sireadh 
an  arain.  Tha  moran  de  ar  co-chreutairean  a' 
fulang  cruadail  agus  acras,  agus  sinne  le 
cupan  l^n  agus  a'  cur  thairis.  Fo  stiuradh 
an  Fhreasdail  sheas  ar  soithichean-adhair 
eadar  sinn  agus  fearg  an-iochdmhor  na 
namhaid  agus  tha  ar  maraichean  gaisgeil 
mar  sgiath  agus  balla-dion  mu'n  cuairt  ar 
cladaichean.  Buidheachas  do  Dhia  air  son 
nan  laoch  air  muir  agus  air  tir.  Chan  e  a 
mhain  gu'n  d'  fhuair  sinn  cothrom  aiteach- 
aidh  ann  an  sith,  ach  tha  saiblireas  an  t- 
saoghail  uile  a'  tighinn  thar  chuantan  g'ar 


n-ionnsuidh.  Le  comhnadh  luchd-na-mara 
tha  saiblireas  ar  rioghachd  fein  agus  riogh- 
achdan  eile  a'  dortadh  a  stigh  do  gach 
acairseid.  Tha  ar  Ion  cho  saibhir,  agus  de 
gach  seorsa,  is  nach  'eil  e  furasda  a  chreidsinn 
gu  'm  bheil  cogadh  oillteil  a'  sgrios  na 
Roinn-Eorpa.  Is  sinne  a  dh'  fhaodas  a 
radh,  "  dheasaich  Thu  bord  fa'r  comhair 
am  fiannis  ar  naimhdean."  Tha  buird  na 
tire  luchdaichte  le  biadh,  agus  is  gle  bheag, 
an  aireamh  de  shluagh  Bhreatuinn  a  tha 
teannachadh  an  crios-meadhoin  le  gorta. 
Tha  sinn  a'  toirt  buidheachas  do  Dhia  a 
thug  dhuinn  toradh  fialaidh  ar  diithcha  fein 
agus  a  rinn  sinn  'n  ar  co-oighreachan  air 
saibhreas  an  t-saoghail. 

Obair  dhaoine  agus  beannacM  Dhe. 

I.  Tha  am  foghar  'n  a  fhear-teagaisg 
maith  ach  chan  'eil  uine  air  uile  leasain 
ainmeachadh.  Foghnaidh  aon  no  dha.  Tha 
e  a'  cur  'nar  cuimhne,  mar  nach  dean  ni 
eile,  ar  comain  air  Dia.  Ann  an  toradh  na 
bliadhna  tha  againn  saothair  dhaoine  agus 
beannachadh  Dhe.  Tha  earrann  Dhe  cho 
mor  ann  an  toradh  an  fhoghair  agus  gu  'n 
dtiisg  e  irioslachd  ann  an  cridheachan 
dhaoine.  A  nis  tha  irioslachd  slainteil,  ach 
chan  fhaod  sinn  dimeas  a  dheanamh  air 
obair  dhaoine.  Tha  Dia  a'  co-oibreachadh  le 
daoine.  Gun  saothair  agus  gun  dichioll  cha 
tig  toradh,  ach  gun  chomhnadh  Dhe  is  beag 
buil  a  thig  a  saothair  dhaoine.  Ma  ni  sinne 
ar  dleasdanas  bithidh  Dia  maille  ruinn. 
Tha  so  f  ior,  ciod  air  bith  ar  n-obair.  Deanam- 
aid  ar  dleasdanas  do  'n  rioghachd  agus  bithidh 
beannachd  Dhe  oirnn,  ach  gun  oidhirp,  gun 
strith,  cha  ruig  sinn  acairseid  gu  brath. 
Chan  ann  gun  fhios  duinn  a  ruigeas  sinn 
fireantachd  Dhe.  Ged  nach  coisinn  sinn 
rioghachd  Dhe  'n  ar  neart  fein,  cha  mheal  aon 
neach  sonas  siorruidh  gun  oidhirp  agus 
strith. 

An  laimh  a  ch^ile. 

II.  Tha  am  foghar  a'  teagasg  gu  'm  bheil 
sinn  ann  an  daimh  chairdeil  ri  cheile.  Tha  an 
tuathanach  a'  toirt  arain  as  an  talamh  air  son 
mor-shluagh  nam  bailtean,  ach  tha  iadsan 
a'  deasachadh  na  h-acfhuinn  a  tha  ag 
oibreachadh  an  fhearainn,  agus  tha  iad  a' 
ceannach  toradh  a  shaothrach.  Chan  fhaod 
an  dara  aon  tair  a  dheanamh  air  an  aon  eile. 
Cha  thric  leis  an  tuathanach  tair  a  dheanamh 
air  luchd  nam  bailtean,  ged  ni  iadsan  'n  an 
aineolas  tair  air  an  tuathanach.  Tha  an 
rioghachd  ann  an  tomhas  mor  an  crochadh 
ris  an  tuathanach,  agus  is  e  gliocas  luchd- 
raighlaidh  ceartas  a  thoirt  do.  'n  tuathanach. 


SEARMON-BUIDHEACHAIS  AIR  SON  AN  FHOGAIR— ANNS  A'  CHATHAIR       3 


Biodh  fearann  na  rioghachd  air  aiteachadh, 
oir  is  e  sluagh  laidir  fallain  na  diithcha  a 
sheasas  an  rioghachd  ann  an  la  na  teanntachd. 

Buidheachas  a  ghnath. 

III.  Tha  am  foghar  'g  ar  gairm  gu  geataibh 
Dhe  le  buidheachas  agus  d'a  chuirtibh  le 
moladh.  Ach  chan  ann  air  son  Sabaid  de  'n 
bhiiadhna  ach  air  gach  Sabaid  a  thig  e  dhuinn 
buidheachas  a'  thoirt  do  ar  n-Athair  neamh- 
aidh.  Tha  a  Fhreasdal  neo-chadalach,  gun 
sgiths,  gun  chrioch.  Tha  dearbhadh  againn 
air  trocair  Dhe  gach  maduinn  agus  gach 
feasgar  air  a  dhilseachd.  Is  ionann  a  bu 
choir  ar  buidheachas  agus  moladh  eirigh 
mar  thuis  gu  neamh  gach  la.  Tha  moran  ann 
an  tigh  Dhe  'g  a  mholadh  an  diugh  nach  mol 
e  anns  an  ionad  cheudna  air  an  ath  Shabaid. 
Ach  ma  thuigeas  sinn  teagasg  ar  seirbhis- 
bhuidheachais,  thig  sinn  gu  tigh  Dhe  gach 


Sabaid  le   oran   molaidh  agus   cridheachan 
taingeil. 

An  t-aran  neamhaidh. 

IV.  Tha  aran  na  coluinne  a'  togail  na 
h-inntinn  gu  beachdachadh  air  an  aran 
neamhaidh  a  tha  aig  daoine  ann  an  losa 
Criosd.  "  Is  mise  aran  na  beatha  "  thubhairt 
losa.  Cha  do  dhi-chuimhnich  esan  a  tha 
frithealadh  le  laimh  fhial  do  'n  choluinn 
bhasmhor  an  t-anam  neo-bhasmhor.  Mar 
tha  spiorad  an  duine  luachmhor  seach  a 
cholunn,  is  ionnan  a  tha  aran  na  beatha 
priseil  seach  toradh  an  fhoghair.  Tha  an 
cridhe  taingeil  a'  deanamh  gairdeachais  ann 
am  maitheas  agus  trocair  Dhe  anns  an 
fhoghar.  Deanadh  an  cridhe  gairdeachas  air 
son  an  arain  neamhaidh  a  tha  sasuchadh 
acras  ar  n-anama  agus  a'  toirt  neirt  agus 
slainte  shiorruidh  do  dhaoine. 


Anns  a'  Chathair 

Eilean  mo  gliraidh 

"  Eilean  mo  ghaoil,  is  caomh  learn  eilean  mo  ghraidh  " 


GED  is  e  Leodhus  a  bha  am  bard  a  sgriobh 
an  rann  so  a'  ciallachadh  le  "  eilean  mo 
ghraidh  "  chan  e  Leodhus  a  tha  mise  a' 
ciallachadh  an  drasd  ach  eilean  eile  as  trice 
a  tha  'n  am  inntinn  anns  na  laithean  so,  a 
chionn  gu  bheil  cunnartan  a'  bagradh  air 
nach  d'fhiosraich  sinn  riamh  an  leithid; 
Breatunn,  an  t-eilean  as  fiachaile  anns  an 
t-saoghal  uile.  Na'm  faigheadh  Hitler  a' 
bhuaidh,  agus  na'n  rachadh  Breatunn  a 
dhith,  thigeadh  call  air  an  t-saoghal  a 
ghabhadh  ceudan  bliadhna  'g  a  leasachadh. 
Theid  aig  Dia  air  a  ruintean  a  choimhlion- 
adh  eadhon  ged  rachadh  iompaireachd 
Bhreatuinn  as  an  t-sealladh,  ach  is  ann 
le  lamhan  dhaoine  agus  le  obair  rioghachdan 
a  tha  Dia  a'  coimhlionadh  a  ruintean  air 
thalamh,  agus  c6  a  ghabhadh  air  fhein  a 
radh  gu  bheil  a'  Ghearmailt  no  lapan  'n 
an  innealan  na's  freagarraiche  air  toil  agus 
ruintean  Dhe  a  choimhlionadh  anns  an 
t-saoghal  na  Breatunn  1 

Chan  'eil  e  soilleir  fhathast  c6  an  taobh 
a  tha  dol  a  dh'fhaotainn  na  buadha,  ach 
tha  e  soilleir  gu  leoir  c6  an  taobh  air  a  bheil 
an  ceartas,  agus  c6  aig  an  robh  a'  choire 
gu'n  do  thoisich  an  cogadh. 

A'  Ghearmailt  neo-riaraichte. 

Bho  chionn  iomadh  bliadhna  cha  robh  a' 
Ghearmailt  riaraichte  leis  na  bha  aice  de 
f  hearann,  no  leis  an  aite-seasaimh  a  bha  aice 


anns  an  t-saoghal.  Bha  i  a'  creidsinn  gu 
robh  arm  na  b'fhearr  agus  na  bu  l^idire  aice 
na  bha  aig  rioghachd  air  bith  eile,  agus 
gu'm  bu  choir  dhi  aite-seasaimh  agus  tigh- 
darras  fhaotainn  a  reir  a  cumhachd.  Thug 
i  oidhirp  uair  no  dha  air  sin  fhaotainn,  gu 
sonruichte  ann  an  1914-18,  agus  cha  robh 
ann  ach  caol-thearnadh  nach  deachaidh 
leatha,  oir  bha  arm  maith  aice  gun  teagamh. 
Dh'fhuiHng  an  Fhraing  agus  Breatunn  agus 
Belgium  call  nach  gabh  tomhas  anns  a' 
chogadh  fhada  agus  bhrtiideil  sin,  call 
dhaoine,  agus  call  codach,  ach  gu  fortanach 
le  cuideachadh  America  chaidh  aca  air  a' 
Ghearmailt  a  chiosnachadh  air  muir  agus 
tir,  agus  cumhachan-sithe  a  chur  oirre. 

Cha  do  ghabh  a'  Ghearmailt  riamh  ri 
bann-sithe  Versailles ;  ann  am  beagan  uine 
bha  a  gearan  na  b'airde  na  bha  e  riamh  gu 
robh  fearann  agus  coirichean  air  an  cumail 
bhuaipe  gu  neo-laghail,  agus  nach  b'e  ise 
idir  a  thoisich  air  a'  chogadh  ged  bha  i  air 
a  peanasachadh  air  a  shon. 

An  sin  dh'eirich  Hitler  agus  o'n  la  a 
dh'eirich  esan  cha  robh  sith  anns  an  Roinn- 
Eorpa. 

Hitler. 

Tha  e  duilich  a  thuigsinn  ciod  an  seorsa 
duine  a  tha  ann  a  Hitler,  agus  theagamh 
nach  'eil  moran  dhaoine  anns  an  rioghachd 
so  nach  d'atharraich  an  inntinn  uime  uair 


ANNS  A'  CHATHAIR 


no  dh^.  Bidh  mise  a'  smuaineachadh  uime 
gu  trie,  ach  dh'fhairtlich  e  riamh  orm  a  bhj 
cinnteach  gu  bheil  an  dealbh  ceart  agam 
air,  no  gu  bheil  uiread  de'n  deamhan  ann  's 
a  tha  na  daoine  againne  a'  saoilsinn.  Ach 
chan  'eil  teagamh  idir  gu  bheil  na  ceithir 
nithean  so  mu  Hitler  fior, 

(1)  gu'n  do  rinn  e  geur-leanmhuinn  bhriiid- 

eil  air  na  h-Iudhaich 

(2)  gu'n  do  mhort  e  seana  chompanaich 

agus  moran  dhaoine  eile  a  bha  a' 
seasamh  'n  a  rathad 

(3)  gu'n  d'innis  e  breugan  mora  a  mheall- 

adh  dhaoine  ris  an  robh  e  a'deanamh 
gnothuich 

(4)  gu  bheil  e  a'  creidsinn  gu  bheil  rud  air 

bith   ceadaichte   ma   tha   e   chum 
buannachd  na  Gearmailte. 

Maoidheadh  gun  sgur. 

A  thaobh  aon  no  dha  de  na  coirichean  a 
bha  e  a'  tagar  do'n  Ghearmailt  rachainn  le 
Hitler  gu  toileach  na'n  robh  e  'g  an  tagar  gu 
reidh  sitheil,  agus  ann  an  doigh  a  ghabhadh 
iad  toirt  dha  gun  aimhreit  ur  a  dheanamh. 
Ach  cha  b'e  sin  doigh  an  duine ;  an  4ite 
feuchainn  ri  cuisean  a  shocruchadh  gu  reidh 
mu'n  cuairt  a'  bhtiird  ann  an  seanchas  ri 
daoine  ciallach  mar  bha  Mghr  Chamberlain 
no  Morau'  Halifax  is  ann  a  theireadh  e,  air 
uairean  gu  colgarra  agus  air  uairean  gu 
magail  ach  daonnan  gu  ladarna,  "  Seanchas 
no  seanchas  cha  bhi  mu  'n  chilis ;  sin  agaibh 
mo  chumhachan-sa  ;  gabhaibh  iad  no 
fagaibh  iad,  ach  mur  toir  sibh  air  ais  do'n 
Ghearmailt  gu  luath  na  ghoid  sibh  bhuaipe 
cuimhnichibh  gu  bheil  arm  agus  gunnachan 
agus  soithichean-adhair  aig  a'  Ghearmailt  a 
bheir  dhi  a  coirichean  ge  b'oil  leibh." 

Maoidheadh,  maoidheadh,  maoidheadh ; 
maoidheadh  gun  sgur,  sin  an  aon  doigh  a 
bha  aige  o'n  la  a  chaidh  e  air  cheann  na 
Gearmailte,  gus  nach  b'urrainn  rioghachdan 
eile  gnothuch  a  dheanamh  ris  mur  toireadh 
iad  dha  a  thoil  fhein. 

"  Tha  mi,"  ars'  esan,  "a'  tairgsinn  sith 
do'n  Roinn-Eorpa  fad  choig  bliadhna  fichead 
air  na  cumhachan  so." 

An  cualas  riamh  cainnt  na's  ladarna  na 
sin? 

Fad  choig  bliadhna  fichead,  agus  air  na 
cumhachan  so  ! 

Co  esan  gu'n  labhraidh  e  ri  righrean  agus 
ri  uachdarain  na  Roinn-Eorpa  anns  an  doigh 
sin? 

Ag  iarraidh  aicheamhail. 

Chan  'eil  mise  a'  creidsinn  gu  robh  e  ann 
an  inntinn  Hitler  an  saoghai  uile  a  chur 


foidhe  fhein  le  neart  airm ;  chan  'eil  an  sin 
ach  rud  a  thatar  a'  cur  as  a  leth  o  thoisich 
an  cogadh,  ach  bha  e  ann  an  inntinn  Hitler, 
agus  bithidh  gus  am  fairtlich  air,  dioghaltas 
a  dheanamh  air  Breatunn  agus  air  an 
Fhraing  a  chionn  gu'ix  d'thug  iad  buaidh  air 
a'  Ghearmailt  ann  an  1918. 

Sin  an  saighead  as  goirte  a  chaidh  riamh 
ann  an  cridhe  na  Gearmailte;  chan  e  idir 
gu  robh  bann-sithe  Versailles  ro  chruaidh 
ach  gu'n  d'fhuair  i  a  liodairt  anns  a'  chogadh 
mu  dheireadh. 

Tha  iomadh  rud  maith  anns  a'  Ghearmailt 
as  nach  bi  i  a'  boilich,  ach  tha  i  daonnan  a' 
deanamh  boilich  is  bostruinn  as  an  arm,  agus 
a'  glaodhach  air  na  sraidean  nach  'eil  arm 
air  an  t-saoghal  cho  maith  ris,  agus  fhuair 
an  inntinn  uaibhreach  sin  buille  ghoirt  ann 
an  1918.  Cha  d'aidich  i  riamh  gu  robh  i  air 
a  ciosnachadh  gu  cothromach,  agus  cha  mho 
a  bha  i  riaraichte  leis  an  dol-as-a-cheile  a' 
rinneadh  ann  an  1918  ;  bha  i  air  son  toiseach- 
adh  a  ris.  Chan  'eil  ann  a  Hitler  ach  Spiorad 
dioghaltais  air  fhoillseachadh  anns  an  fheoil. 

An  ni  a  bha  dhith  air  a'  Ghearmailt  ann 
an  1914,  ach  nach  d'fhuair  i  a  chionn  nach 
do  bhuidhinn  i  an  cogadh,  tha  a  cheart  ni 
sin  a  dhith  oirre  fhathast,  fonn  agus  fearann 
choimhearsnach  nach  'eil  cho  mor  no  cho 
laidir  rithe  fhein.  Agus  is  e  fath  a  gamhlais 
do  Bhreatunn  gu  bheil  Breatunn  'g  a  cumail 
air  ais  gun  a  toil  fhein  fhaotainn. 

Misneach  agus  diorras  Bhreatuinn. 

Tha  arm  maith  agus  arm  laidir  aig  a' 
Ghearmailt  gun  teagamh,  arm  is  ion  do 
rioghachdan  eile  eagal  agus  crith  a  bhi  orra 
roimhe,  ach  an  uair  a  bhios  an  cogadh  so 
thairis  agus  a  bhios  eachdraidh  a'  chogaidh 
air  a  sgriobhadh  tha  mi  an  dtiil  gu'm  bi  aon 
ni  a  sheasas  a  mach  os  cionn  gach  ni  eile 
ann  an  eachdraidh  nan  laithean  so,  misneach 
agus  diorras  Bhreatuinn,  Ged  thug  riogh- 
achd  as  deidh  rioghachd  suas  an  uair  a 
thainig  an  namhaid  orra  mar  thuil  cha  do 
mheataich  cridhe  Bhreatuinn.  Lean  i  oirre, 
a'  toirt  dtibhlain  do  Hitler,  a'  toirt  misnich 
do  dhiithchanna  eile,  agus  a'  cur  roimhpe 
nach  fannaich  i  agus  nach  geill  i  anns  an 
stri  gus  am  bi  a'  Ghearmailt  air  a  ciosnach- 
adh no  gus  an  toir  i  thairis.  Aig  Ni-maith 
tha  brath  c'uin  a  thachras  sin,  no  an  tachair 
e  idir,  ach  ma  tha  e  's  an  dan  gu'n  teid 
iompaireachd  Bhreatuinn  sios  ciod  an  doigh 
anns  am  b'urramaiche  dhi  dol  sios  na  a' 
seasamh  an  aghaidh  lamhachas -laidir  na 
Gearmailte,  diithaich  a  tha  an  diugh  air  a 
riaghladh  le  duine  fuileachdach,  gun  rian 
gun  choguis,  a  bhios  a'  dol  ann  am  paisean- 


ANNS  A'  CHATHAIR 


adh  le  chorruich  agus  le  dhroch  n&,dur 
fhein,  agus  nach  bi  riaraichte  gu  br^th  gus 
am  faigh  a'  Ghearmailt  rud  air  bith  a  tha 
dhith  oirre,  ceart  no  ce^rr  ? 

Co  dhiu  a  gheibh  Breatunn  a'  bhuaidh  no 
nach.  faigh,  cha  ghabh  e  ^icheadh  gu  bheil 
cridhe  l^idir  agus  misneach.  aice,  agus  nach. 
leig  i  a  leas  n^ire  a  bhi  oirre  an  diugh  am 
fianuis  an  t-saoghail  mar  is  ion  do'n  Fhraing 
a  bhi  oirre.  Is  ann  innte  a  tha  riogh.ach.dan 
eile  a'  cur  an  dochais  gu'm  faigh  iad  am 
fearann  agus  an  saorsa  air  ais.  Chan  'eil 
fearann  a  dhith  air  Breatunn  dhith  fhein, 
ach  tha  meas  aice  air  saorsa,  agus  tha  saorsa 
a'  cinntinn  anns  gach  ce^rn  air  thalamh  far 
a  bheil  bratach  Bhreatuinn  a'  sn4mh. 

Buaidh  leis  na  gillean  oga  air  muir  agus 
anns  an  adhair  agus  air  tir  a  tha  a'  dion 
eilean  ar  gaoil,  agus  le  bhi  a'  dion  an  eilein 
so  a  tha  a'  dion  nan  uile  nithean  a  tha 
fiachail  anns  an  t-saoghal. 

L^ithean  cruaidh. 

Theagamh  gu  bheil  l^ithean  cruaidh  air 
thoiseach  oirnn  agus  bliadhnachan  searbh, 
ach  is  fhiach  do  rioghachd,  mar  is  fhiach 
do  dhuine,  cruadal  fhulang  seach  a  h-ainm 
agus  a  h-onoir  agus  a  saorsa  a  chall. 

Ach  tha  neart  Bhreatuinn  a'  fas,  agus 
earbsa  Bhreatuinn  'n  a  ceann  agus  'n  a 
cridhe  agus  'n  a  gairdean  fhein,  agus  gus 
am  bris  Hitler  cridhe  laidir  an  eilein  bhig 
so  bithidh  e  cho  fada  o  cheann-uidhe  's  a 
bha  e  an  uair  a  thoisich  e. 

Tha  gaol  na  saorsa  air  f  hadadh  ann  an  teine 
Dhe;  sin  aon  bhonn  air  a  bheil  sinn  a' 
creidsinn  gu'm  faod  sinn  dochas  a  bhi 
againn  ri  beannachd  an  Tighearn  anns  an 
stri.  Ach  tha  spiorad  an  dioghaltais  air 
fhadadh  ann  an  teine  ifrinn. 

Ann  an  aon  seagh  tha  e  duilich  a  chreidsinn 
gur  e  aon  duine  as  coireach  do'n  chogadh 
uamhasach  so  a  tha  a'  sgriosadh  an  t-saoghail, 
ach  air  a  shon  sin  cha  bhiodh  an  cogadh  ann 
idir  na'n  robh  Hitler  na  bu  rianaile  na  tha  e. 
Ach  na'n  robh  Hitler  'n  a  dhuine  rianail 
theagamh  nach  cualas  iomxadh  riamh  air. 

Sannt  fearaiim. 

Is  e  fior  aobhar  a'  chogaidh  gu  bheil  tri 
rioghachdan  anns  an  t-saoghal  air  a  bheil 
sannt  fearainn  agus  sannt  codach,  a  tha  'g 
am  faireachduinn  fhein  cho  laidir  's  gu  robh 
iad  an  dull  gu'n  rachadh  aca  air  sptiill  a 
thoirt  o'n  comhearsnaich  laga  ge  b'oil  led; 
an  Eadailt,  a'  Ghearmailt,  agus  lapan; 
tritiir  a  chaidh  ann  an  co-bheinn,  chan  ann 
a  chionn  gu  robh  meas  no  gaol  aca  air  a 


cheile,  ach  a  chionn  gu  robh  iad  air  son  eagal 
a  chur  air  rioghachdan  eile,  agus  gu  son- 
ruichte  air  Breatunn. 

Bha  aobhar  eagail  ann,  oir  leig  Breatunn 
sios  a  h-arm  agus  a  cabhlach-mhara,  ach  a 
dh'aindeoin  nach  robh  daoine  no  gunnachan 
aice,  cha  do  mheataich  a  cridhe  an  uair  a 
mhaoidh  a'  Ghearmailt  agus  an  Eadailt 
oirre,  agus  tha  i  fhathast  beo  gun  droch 
leon  fhaotainn,  an  dochas  ro-mhaith  gu'm 
bi  ctiisean  na's  fhe^rr  an  ath-bhliadhna. 

A  chuid  againn  aig  a  bheil  cuimhne  air  a' 
chogadh  mu  dheireadh,  bha  sinn  an  dilil  gu'm 
faca  ar  stiilean  anns  na  ceithir  bliadhna  sin 
nithean  a  bu  mho  agus  a  b'iongantaiche  na 
chunnaic  na  ginealan  a  bha  romhainn ; 
chunnaic  sinn  righrean  agus  iompairean 
uaibhreach  a'  tuiteam  bh^rr  a'  ChrMn  agus 
air  an  isleachadh  anns  an  duslach,  seann 
rioghachdan  air  am  briseadh  'n  am  bloigh- 
dean,  agus  rioghachdan  tira  ag  eirigh  suas. 
Ach  an  diugh  tha  sinn  a'  faicinn  nithean  as 
iongantaiche  agus  as  cunnartaiche,  aon 
rioghachd  cho  laidir  agus  cho  seolta  's 
nach  robh  eagal  no  n4ire  oirre  dol  ann  an 
caraibh  ch^ich,  'g  an  gabhail  aon  mu  seach, 
agus  'g  an  cur  fo  a  casan  gun  rabhadh  a 
thoirt  dhaibh,  agus  gun  aobhar-connsachaidh 
no  aobhar-cogaidh  a  bhi  eatorra.  Sin  rud 
ur  agus  rud  eagalach  anns  an  t-saoghal, 
rioghachd  air  bith  a  bhi  cho  laidir  anns  an 
Roinn-Eorpa,  no  cho  borb  agus  cho  neo- 
choguiseach,  's  gu'n  rachadh  aice  air  ruith 
thairis  air  Poland,  air  Lochlann,  air  Den- 
mark, air  an  Olaind,  air  an  Fhraing,  air 
Czecho-Slovakia,  air  lugo  Slavia,  air  a' 
Ghreig,  agus  a  nis  air  Russia,  agus  gun  ghin 
dhiubh  comasach  air  seasamh  rithe  no  till- 
eadh  a  chur  oirre. 

Is  ion  do  rioghachdan  an  t-saoghail  eagal 
a  bhi  orra  roimh  'n  Uilbheist  so.  Tha  sin 
orra,  is  tha  e  air  Breatunn  cho  maith  ri 
each,  ach  ma  tha,  chan  'eil  gealtachd  'n  a 
cridhe,  agus  tha  i  a'  cur  roimhpe,  nach  geill  i 
gu  brath  gus  am  bi  a'  Ghearmailt  air  a 
ceannsachadh,  agus  saorsa  aice  fhein  agus 
aig  diithchanna  eile,  gu  sonruichte  saorsa 
o  eagal-cogaidh. 

Gu'n  deonaicheadh  Dia  gu'n  teid  leatha, 
ach  CO  dhiti  theid  no  nach  teid  bithidh  e  air 
a  chumail  air  chuimhne  gu  brath  ann  an 
eachdraidh  an  t-saoghail  nach  do  thiomaich 
cridhe  Bhreatuinn  ann  an  la  an  uamhais, 
agus  mar  bu  mho  an  cunnart  gui  ann  bu 
Doho  a  diorras  agus  a  misneach.  Ma  chaidh 
na  soluis  as  air  tir-mor  na  h-E6rpa  tha  solus 
Bhreatuinn  fhathast  bed,  solus  do  ch^ch  anns 
an  dorchadas. 


Eilean  mo  ghaoil,  is  caomh  learn  eilean  mo  ghraidh 


Am  measg  nan  Se61adairean 

Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  Tigh-an-uillt 


Mo  Thurus  do  Lunnamn. 

AIR  an  darna  latha  de'n  luchar  thug  raise 
mo  chul  ri  Tir  nam  Beann  is  chuir  mi 
m'aghaidh  air  an  taobh-a-deas.  Cha  robh 
fhios  agam  ro  mhath  c'aite  am  feumainn 
mo  lion  a  chur  sios  gus  am  faca  mi  an 
t-Ollamh  suairce  Ruairidh  Mac  Leoid,  an 
Dim  -  Eideann.  Thug  esan  dhomh  gach 
seoladh  is  fiosrachadh  a  bha  feumail  air 
son  na  slighe  gu  baile-puirt  araidh  ann  an 
ceann  an-ear-dheas  Shasuinn.  Chomhairlich 
e  dhomh  falbh  am  feasgar  sin  fein  is  m'agh- 
aidh a  chur  air  Lunnainn,  baile  air  nach 
robh  mi  idir  eolach  's  air  nach  do  dhearc 
mo  shtiil  riamh.  Ach  ged  nach  do  dhearc 
mo  shuil  air,  chuala  mi  gu  leoir  m'a  thimchioll 
is  leugh  mi  iomadh  uair  bho'n  thoisich  an 
cogadh  mar  bha  a  thogailean  arda  maiseach, 
a  bha  ceudan  bliadhna  dh'aois,  air  am 
bearnadh  's  air  an  cur  as  a  cheile  leis  na 
sligean-millidh  a  bha  air  an  tilgeil  air  le 
soithichean-adhair  na   Gearmailte. 

Bha  beagan  uairean  agam  an  Dim-Eideann 
a  chuir  mi  seachad  comhla  ri  cairdean.  Thug 
iadsan  ceud  aithne  dhomh  a  bhi  'n  am 
fhaireachadh  air  an  t-slighe  re  na  h-oidhche, 
agus  gu  h-araidh  nuair  a  ruiginn  Lunnainn, 
ceann-uidhe  na  maidne.  Thuirt  iad  rium, 
"  cum  do  lamh  air  do  chuid,  cum  do  shiiil 
air  do  mhaileid,  agus  ma  ni  thu  cadal  idir 
na  dean  ach  cadal  a'  gheoidh.  Ma  chi  thu 
mnathan  sgiamhach  deas  gu  comhradh,  air 
an  comhdach  le  sioda  is  bein,  na  leig  ort  gu'n 
cluinn  thti  iad  agus  na  seall  idir  an  taobh 
a  tha  iad  oir  tha  riomhachas  an  comhnuidh 
a'  comhdach  com  an  uilc." 

Nuair  rainig  mise  Lunnainn  's  a'mhaduinn 
's  a  bha  mi  comhla  ris  na  ceudan  eile  a'  dol 
troimh  na  geatachan  iaruinn  a  tha  fosgladh 
air  a'  bhaile  chuala  mi  guth  ag  radh  rium 
arms  a'  Ghaidhlig  "  C'aite  bheil  thu  dol  an 
diugh  ?  "  A  dh'aindeoin  nan  deagh  chomh- 
airlean  a  fhuair  mise  dhi-chuimhnich  mi  iad 
uile  mar  riim  bean  Lot  is  thug  mi  suil  air 
m'fhiaradh.  Chunnaic  mi  boirionnach  ard 
tlachdmhor  is  fiamh  a'  ghaire  air  a  h-aodann. 
"  Tha  mi,"  ars  ise,  "  'g  ad  aithneachadh  gu 
math  oir  chunnaic  mi  uair  is  uair  air  a' 
Mhod  thu."  B 'aithne  dhi  maithean  a' 
Chomuiim  Ghaidhealaich  tuath  is  deas,  agus 
mar  sin  smuainich  mi  nach  e  te  de  na 
h-6ighean  amaideach  a  bha  agam  co  dhiubh. 
Dh'fhaighneachd  i  air  son  moran  ann  an 
Tir  nam  Beann  oir  tha  i  cho  eolach  ann  's  a 
tha  mise  air  mo  leth  chois.    Nochd  i  dhomh 


gu  coibhneil  an  t-aite  far  am  faighinn 
carbad-iaruinn  na  smuide  a  bheirinn  a 
dh'ionnsuidh  a'  chinn-uidhe  bha  fhathast 
corr  is  deich  mile  fichead  air  falbh. 

Nuair  rainig  mise  am  baile-puirt  bha 
feasgar  alainn  grianach  ann,  is  bha  an 
sluagh  cho  tiugh  ris  na  seangain  air  na 
sraidean.  Thuirt  mise  rium  fein  nach 
b'urrainn  gu  robh  an  cunnart  cho  mor  's  a 
bha  an  t-ainm,  nuair  bha  leithid  de  shluagh 
a  mach  's  gun  choltas  fiamh  air  gntiis  a 
chunnaic  mi.  'N  am  measg  bha  moran 
sheoladairean,  is  ghabh  mi  beachd  math 
orra,  oir  's  ann  'n  am  measg  a  bha  mi  dol 
a  bhi  saothrachadh  mar  mhinistear  an 
t-soisgeil  re  nan  seachduinean  a  bha  air 
thoiseach  orm. 

Uamhasan  na  h.oidhche. 

Nach  mise  bha  gorach  a'  smuaineachadh 
nach  robh  cunnart  ann  !  Air  a'  mheadhon- 
oidhche  nuair  bha  mi  'n  am  chadal  gu 
socrach  trom  fhuair  mi  mo  gharbh  dhiisgadh. 
Chuala  mi  raiceil  oillteil  nach  cuala  mi 
riamh  a  leithid  air  thalamh  roimhe.  Cha 
robh  fhios  agam  air  son  mionaid  c'aite  an 
robh  rai.  Shaoil  mi  gu  robh  lutharn  fasaichte 
agus  na  deamhnean  uile  ma  sgaoil,  a'  raiceil 
feadh  an  t-saoghail.  Bha  an  talamh  air 
chrith  's  an  leaba  fodham  a'  dannsadh  air 
an  lar.  Bha  na  sligean-millidh  a'  tuiteam 
le  srann  's  a'  spreadhadh  thall  's  a  bhos. 

Dh'eirich  mi  chum  na  h-uinneig  is  sheall 
mi  mach.  Ma  sheall  chunnaic  is  chuala  mi 
nithean  a  chuir  uamhas  orm.  Bha  gathan 
soluis  a'  dol  suas  amis  an  speur  feuch  an 
lorgaicheadh  iad  an  namhaid  a  bha  a' 
deanamh  falach-fead  am  measg  nan  neul. 
Bha  na  gunnachan-mora  mu'n  cuairt  air  a' 
bhaile  a'  sior  losgadh  suas  anns  an  speur, 
is  dhiiisgeadh  am  fuaim  na  mairbh. 

Ann  an  solus  fann  na  gealaich  chunnaic  mi 
bodach  leth-ruisgte  a'  deanamh  air  garaidh 
a  bha  aige  's  a  gharadh  mar  ni  an  sionnach 
ruadh  air  a'  charn  nuair  bhios  tuathanach 
nan  caorach  's  an  geamair  caol  as  a  dheidh. 
Thuig  mi  gu  robh  an  cunnart  ann  's  nach 
feumainn  tuilleadh  moille  a  dheanamh,  's 
mar  sin  rinn  mise  cuideachd  air  aite-dion. 

Uaithe-  sin  chuala  mi  uair  is  uair  am 
buirein  oillteil  aig  soithichean-adhair  na 
namhaid  os  mo  chionn,  ach  mar  tha  h-uile 
ni  eile  fasaidh  tu  eolach  air,  's  cha  chuir  e 
idir  uibhir  de  uamhas  ort. 


AM  MEASG  NAN  SEOLADAIREAN 


Chaidh  na  daoine  anns  a'  cheann  so  a 
sh^ruchadh  an  uiridh  nuair  bha  soithichean- 
adhair  na  Gearmailt  a'  tilgeil  sligean-millidh 
orra  dh'oidhche  's  a  la.  A  nis  tha  a'  bhrog 
air  a'  chois  eile.  Chan  ionghnadh  ged  bhios 
na  mnathan  an  diugh  a'  bualadh  am  basan 
le  aoibhneas  nuair  chi  iad  's  an  fheasgar 
sgaoth.  de  charbadan-cogaidb.  an  adhair  aig 
Breatunn,  gu  fuaimneach  ard,  air  an  rathad 
a  null  do'n  Ghearmailt  's  iad  luchdaichte  le 
paigheadh  nam  fiach,  is  riadh  da  bhliadhna 
comhla  ris. 

Am  measg  nan  Sedladairean. 

Tha  mi  a'  smuaineachadh  gur  e  so  obair 
cho  math  's  a  b'urrainn  an  eaglais  a  dhean- 
amh,  an  Soisgeul  a  thoirt  dhaibh  'n  an 
canain  fein.  Tha  iad  uile  mothachail  air  a 
so,  oir  thuirt  fear  aca  rium-sa,  "  tha  e  math 
do'n  eaglais  ministearan  a  chur  chugainne." 
Nach  iad  tha  airidh  air  gach  eomhnadh 
spioradail  as  urrainn  an  eaglais  a  thoirt 
dhaibh  ! 

Tha  iad  daonnan  ann  an  cunnart,  os  an 
cionn,  fo'n  mhuir,  's  air  a  h-uachdar.  Cha 
'eil  fhios  aca  c6  an  uair  no  mhionaid  a  thig 
a'  ghairm  do'n  ionnsuidh;  mar  sin  tha  iad 
cuimhneach  air  meadhonan  nan  gras,  moran 
na's  cuimhniche  na  daoine  d'am  bheil  e 
furasda  gu  leor  dol  do  eaglais  's  nach  teid 
iad  innte. 

Na'n  cluinneadh  sibhse  cuid  de  na  balaich 
ud  an  ceann  na  h-urnuigh  chuireadh  iad 
ionghnadh  oirbh.  Tha  gibhtean  labhairt  aca 
tha  sonruichte  math,  's  os  cionn  gach  ni, 
tha  spiorad  na  h-iirnuigh  aca.  Is  furasda 
aithneachadh  nach  ann  an  diugh  no'n  de  a 
thoisich  iad  air  iirnuigh.  "  An  t-ionnsachadh 
6g  an  t-ionnsachadh  boidheach  !  " 

Nuair  chunnaic  mise  na  gillean  ud  air  son 
na  ceud  uaire  bha  moit  orm  gu'n  d'thainig 
balaich  cho  fearail  riutha  bho  Thir  nam 
Beann,  's  as  na  h-Eileanan  an  lar.  Cha 
robh  coltas  isean  deireadh  linn  air  gin  aca  ! 

Dh'fheoraich  mi  de  gach  fear  aca  ainm 
fein  is  ainm  an  aite  as  an  d'thainig  e.  Nuair 
chuala  mi  ainm  a'  bhaile  bhig  as  an  d'thainig 
fear  aca  chuimhnich  mi  air  a'  cheart  turns  a 
bha  mi  fein  ann  maille  ri  caraid.  Bha  mi 
aig  an  am  air  crioch  a  chur  air  m'fhoghlum 
ann  an  Colaisde  na  Diadhachd  an  Dim- 
Eideann,  ach  bha  mi  gun  ghairm  fhaotainn 
bho  sgir  air  bith ;  mar  sin  cha  robh  eideadh 
ministeir  orm. 

Bha  e  feumail  do  mo  charaid  air  son  na 
h-oibre  a  bha  e  am  beachd  a  ghabhail  os 
laimh  eolas  a  cimc  air  an  t-sluagh  arms  a' 


h-uile  baile  feadh  an  Eilein.  Nuair  rainig 
sinn  am  baile  beag  ud  thachair  gur  e  latha 
na  traisg  a  bha  ann,  is  tha  an  latha  sin  air 
a  chumail  anns  na  h-Eileanan  an  lar  mar 
latha  na  Sabaid.  Bha  h-uile  duine  a  b'urrainn 
gluasad  air  an  rathad-mhor  a'  dol  do'n 
eaglais.     Lean  sinne  iad. 

Nuair  rainig  sinn  dorus  na  h-eaglais  cha 
robh  fhios  againn  ro  mhath  c'aite  an  suidh- 
eamaid.  Bha  tri  no  ceithir  de  eildeirean  'n 
an  seasamh  aig  an  dorus  is  dh'aithnich  iad 
air  ball  gur  e  coigrich  a  bha  annainn.  Shaoil 
iad  gur  ann  feuch  de  chitheamaid  a  thainig 
sinn.  Labhair  am  fear  bu  shine  aca,  seann 
duine  coir  anmhunn  's  a  cheann  cho  geal 
ris  an  t-sneachd,  is  thuirt  e  ruinn,  "  thigibh 
a  steach;  chaidh  feadhainn  roimhe  a  mach 
a  dh'fhaicinn  cuilc  air  a  crathadh  le  gaoith 
's  chaidh  iad  dhachaidh  air  am  bioradh  'n 
an  anam." 

Bha  an  eaglais  gu  math  Ian,  is  triuir 
mhinistearan  's  a'  chiibaid.  Labhair  gach 
fear  aca  ris  a'  choimhthional  is  faodaidh  mi 
a  radh  gun  bhreig  gu'n  d'fhuair  sinn  tri 
searmoin  aig  an  aon  suidhe.  Cha  do  dhi- 
chuimhnich  mise  an  la  ud  no  ainm  a'  bhaile 
bhig. 

Tha  mi  cinnteach  gu  bheil  iomadh  urnuigh 
dhtirachdach  a'  dol  suas  an  diugh  anns  a' 
bhaile  bheag  ud,  agus  ann  an  iomadh  baile 
eile  as  leth  nan  gillean  tha  dol  sios  do'n 
doimhne,  a'  guidhe  air  Dig,  gu'n  dean  e  an 
dion  's  an  toirt  gu  sabhailte  troimh  gach 
gabhadh. 

An  luchd-fighe. 

Tha  buidhnichean  de  mhnathan  coire  thall 
's  a  bhos  air  feadh  na  Gaidhealtachd  's  na 
Galldachd  a  bhios  a'  figheadh  gun  tamh,  a' 
deanamh  comhdach-cinn,  comhdach-cuim,  is 
stocainean  do  na  seoladairean.  Tha  iadsan 
a'  cur  feum  air  a  sin  oir  bidh  iad  a'  fulang 
fuachd  mor  aig  muir,  gu  sonruichte  's  a' 
gheamhradh. 

Is  docha  ris  gu'n  teid  am  bata  a  chur 
fodha  agus  nach  sabhail  iad  snaile  de'n  cuid 
eudaich  ach  na  bhios  ma'n  druim.  Aig  am 
mar  sin,  nuair  thig  iad  air  tir,  ni  iad  air 
oifig  a'  nlhinisteir,  is  ni  esan  fuasgladh  orra 
air  ball  a  chionn  gu  bheil  na  mnathan  coire 
a  dh'ainmich  mi  a'  cumail  ris  na's  urrainn 
iad  de  na  badan  fighte  air  an  bi  seoladairean 
a'  cur  feum  an  comhnuidh. 

Is  fior  thoigh  leo  paidhir  stocainean 
fhaotainn  is  ainm  oigh  's  a  h-aite-c6mhnuidh 
'n  am  broinn.   Tha  iad  air  ball  a'  sgriobhadh 


8 


AM  MEASG  NAN  SEOLADAIREAN— AIG  AN  UINNEIG 


'g  a  h-ioimsuidli  a  thoirt  taing  dhith.  Faod- 
aidh  sibh  a  bh.i  cinnteach  gu'm  bi  an  litir  air 
a  sgriobhadh  ann  am  briathran  mills  blath. 

Chuala  mi  naidheachd  m.hath  bho  chlonn 
ghoirid  timchioll  air  an  nl  sin.  Fhuair 
seoladalr  ^raldh,  gille  Gallda,  paidhir  stoc- 
alnean,  's  bha  ainm  na  h-oigh.  a  rinn  lad  is 
a  h-aite-comhnuidh.  air  blleag  phaipeir  'n 
am  broinn.  Sgriobh  an  gille  chuice  a  thoirt 
taing  dhith,  is  thuirt  e  gu  robh  na  stoc- 
ainean  an  d^  chuid  freagarach  is  bl^th.  Bho 
nach  robh  i  aoh  mu  fhichead  mile  air  falbh, 


thuirt  e  rithe  anns  an  litir  gu'n  tadhladh  e 
oirre  latha  air  choir-eigin  nuair  bhiodh  e 
saor  's  gu'n  tugadh  e  a  mach  air  sraid  i. 

Sgriobh  i  chuige  air  ais  is  thuirt  i  gu  robh 
i  toilichte  a  chluinntinn  gu'n  d'fhuair  e  na 
stocainean  a  rinn  i,  ach  nach  robh  i  a' 
smuaineachadh  gu'n  ruigeadh  e  a  leas  tadhal 
oirre  gus  a  toirt  a  mach  air  sraid;  gu  robh 
i  corr  is  tri  fichead  bliadhna  's  a  deich  a 
dh'aois,  gu  robh  an  loinidh  gu  h-olc  's  a' 
ghliiin  aice,  agus  nach  b'urrainn  i  dol  leis 
air  sraid  mur  tugadh  e  leis  air  a  mhuin  i. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  D.  M.  MacGill-Fhumein,  M.A. 

An  deidh  dha  saothrachadh  ann  an  iomadh 
Mte  a  bha  fada  o  cheile  chaochail  an  duine 
citiin  so  o  chionn  ghoirid  an  Cinn-ghitithsaich, 
am  baile  anns  an  do  rugadh  e  an  1860.  Bha 
e  air  oileanachadh  an  Oil-thigh  Dhtin-eideann 
agus  ann  an  CoUaist  na  h-Eaglaise  Saoire, 
agus  air  a  shuidheachadh  ann  an  Gleann-eilg 
am  1887.  Dh'fhag  e  Gleann-eilg  an  1903  is 
chaidh  e  do  New  Zealand,  far  an  robh  eaglais 
aige  ann  an  Waipu,  agus  'n  a  dheidh  sin  ann 
an  Dunedin,  agus  'n  a  dheidh  sin  a  ris  ann  an 
Edendale,  ach  th^inig  e  air  ais  aig  toiseach 
a'  chogaidh  an  1914,  is  ghabhadh  a  steach 
e  do  Eaglais  na  h-Alba  an  1915. 

An  ^m  a'  chogaidh  bha  e  bliadhna  'n  am 
aite-sa  am  Blar-Atholl,  is  tha  fhios  agam 
gu'm  bu  toigh  leis  a'  choimhthional  e  mar 
dhuine  agus  mar  shearmonaiche.  Bha  e  'n 
a  sgoilear  maith,  ciallach  agus  cothromach 
'n  a  bheachdan  agus  'n  a  labhairt. 

An  1920,  an  deidh  dha  bhi  greis  an 
Dhbhror,  bha  e  air  a  shuidheachadh  an 
Cinn-t-s^ile,  far  an  do  shaothraich  e  gus  an 
do  leig  e  dheth  obair  o  chionn  bliadhna 
no  dh^. 

Bha  dithis  mhac  aige,  fear  dhiubh  'n  a 
lighiche,  agus  am  fear  eile  'n  a  ^rd-fhear- 
teagaisg,  a'  teagasg  Feallsanachd  an  Oil-thigh 
Dhtm-eideann  agus  an  Canada. 

Daine  sitheil  glic,  aig  an  robh  gaol  air 
eolas  agus  air  gach  ni  eile  a  tha  urramach 
agus  ion-mholta,  b'e  sin  Donnchadh  MacGill- 
Fhinnein. 

♦*I.  P.  Stnithers  "  na  h-Eaglaise  Saoire. 

B'ann  do'n  eaglais  bhig  ris  an  abrar  an 
Eaglais  Chleireachail  Ath-leasaichte  a  bhuin- 
eadh  I.  P.  Struthers,  ach  chaidh  a  chliti  air 
feadh  Albainn  uile,  oir  bu  duine  e  nach  robh 
coltach  ri  daoine  eile,  duine  anns  an  robh 


naomhachd  agus  abhacas,  sgoilearachd  agus 
cumhannachd,  crionntachd  agus  fialaidheach, 
a'  pogadh  beul  ri  beul ;  duine  aig  an  robh  gaol 
air  a'  Bhiobull  agus  mion-eolas  air,  agus 
d'am  b'aithne  nithean  nuadh  agus  sean  a 
thoirt  as,  agus  bias  mills  a  chur  orra.  Tha 
gaol  air  Struthers  aig  a  h-uile  duine  aig  a 
bheil  gaol  air  Dia  agus  air  diadhaidheachd. 

0  chionn  ghoirid  ann  am  btith  anns  an 
Oban,  gus  rudeigin  a  bhi  agam  a  leughainn 
air  mo  thurus  seach  na  paipearan  aig  Beaver- 
brook,  cheannaich  mi  leabhar  beag  nach 
'eil  a'  cosd  ach  tri  tasdain  leis  an  fhear  nach 
maireann,  an  t-Urramach  Donnchadh  Domh- 
nuUach,  a  bha  ann  an  te  de  na  h-eaglaisean 
aig  an  Eaglais  Shaoir  an  Glaschu. 

Is  e  ainm  an  leabhar  Dealbhan  taitneach, 
agus  chan  e  mhain  gu  bheil  an  t-ainm 
boidheach  ach  tha  e  fior,  oir  thaitinn  e  cho 
maith  rium  's  gu'n  do  leugh  mi  na  h-uile 
facal  dheth  o  chlar  gu  clar  m'an  do  leig  mi 
as  mo  l^imh  e. 

Ged  nach  'eil  feum  aig  an  fhear  a  sgriobh 
e  air  iasad  iarraidh  no  fhaotainn  o  neach 
eile,  a  chionn  gu  bheil  ionmhas  gu  leoir  aige 
'n  a  inntinn  fein,  cuiridh  an  leabhar  so 
I.  P.  Struthers  'n  ad  chuimhne  air  a  h-uile 
duilleig  oir  is  ann  mar  so  a  bhiodh  esan  a' 
toirt  nithean  beaga  agus  blasda  agus  cubhr- 
aidh  as  3'  Bhiobull. 

Bu  mhaith  learn,  ma  ta,  an  leabhar  a 
mholadh  air  an  duilleig  so,  agus  a  radh  ri 
ministearan  oga  anns  an  eaglais  againn  f  hein 
gu'm  b'fhiach  dhaibh  a  cheannach,  los  gu'm 
faiceadh  lad  gu  bheil  doigh  air  bruidhinn  ri 
cloinn  as  fhearr  na  'n  doigh  a  chluinnear 
mar  is  trice. 

Ann  an  iomadh  eaglais  an  diugh  tha 
"  searmon  na  cloinne,"  mar  theirear  ris,  an 
deidh  bias  dhaoine  air  a'  Bhiobull  agus  air 
searmonachadh  maith  a  mhilleadh. 


Aireamh   i 


1942 


Clann  an  Righ 


Leis  an   Urramach   Uilleam  A.   Mac  Gill-Iosa,  B.D.,  anns  a'  Cheannmhor 

Ach  chuir  mi  romhan  annam  fein,  gun  teachd  a  ris  fo  dhoilgheas  do  'ur  n-ionnsuidh. 

— II.  Corint.  ii.  1 


ANNS  an  earrainn  so  tha  an  t-abstol  Pol  a' 
deanamh.  aideachadh,  cudthromach.  Tha  e  ag 
radh  gu'n  d'fhoghluim  e  nach  'eil  buaidh  no 
eifeachd  spioradail  ann  an  gnuis  chianail 
bhronach,  agus  gur  e  dleasdanas  gach  Criosd- 
iiidh  e  fein  a  ghiulan  gu  sunndach  aoibhneach. 

Bha  e  sgriob  ann  am  baile  Chorint  roimh 
so,  ach  cha  do  shoirbhich  cuisean  leis,  agus 
thuig  e  car  son  a  bha  a  thurus  gun  tairbhe. 
Bha  e  a'  gluasad  am  measg  an  t-sluaigh  le 
gnuis  mhuladach  agus  le  osnaidhean  tiirsach. 
Bha  truas  aca  ris  ach  cha  robh  tlachd  aca 
ann  fein  no  'n  a  shearmoin.  Cha  robh  moran 
a'  dol  do  na  tighean-aoraidh,  agus  am  beagan 
a  bha  a'  cruinneachadh  bha  iad  tursach. 
Cha  robh  aoibhneas  an  Tighearn  'n  an  cridhe 
no  'n  an  aodann. 

Chuir  an  t-abstol  roimhe  gu'n  atharraich- 
cadh  e  a  ghiulan  air  an  ath  thurus  a  rachadh 
e  a  choimhead  eaglais  Chorint.  Chan  e  nach 
robh  aobhar  aige  a  bhi  trom-chridheach  a 
thaobh  cor  na  h-eaglais.  Bha  fios  aige  gu'n 
robh  iomadh  beachd  mearachdach  agus  droch 
chleachdadh  am  measg  an  t-sluaigh.  Thainig 
eaglais  Chorint  fada  fada  gearr  air  coimh- 
liontachd ;  tha  so  gls  f hollaiseach  do  neach 
sam  bith  a  leughas  a'  cheud  litir  a  sgriobli 
Pol  gu  creidmhich  a'  bhaile  ud. 

Ach  a  dh'aindeoin  na  thachair,  rinn  Pol 
.iimtinn  suas  nach  leigeadh  e  leis  na  nithean 
sin  a  bhi  'n  an  uallach  air  a  chridhe.  Bha 
taobh  eile  air  a'  chuis  agus  air  an  taobh  sin 
shealladh  e.  Bha  aobhar  aige  a  bhi  taingeil 
air  son  iomadh  ni  ann  an  eaglais  Chorint, 
agus  a'  cumail  nan  nithean  sin  'n  a  amharc 
tha  e  ag  radh  "  chuir  mi  so  romham  annam 
fein,  gun  teachd  a  ris  le  doilgheas  do  'ur 
n-ionnsuidh. 

Eisiomplair  maith. 

Tha  eisiomplair  an  abstoil  ri  mholadh  oir 
tha  iomadh  Criosduidh  a'  dichuimhneachadh 
gur  e  sgeul  aoibhneach  a  tha  anns  an  t-soisg- 
eul,  agus  gur  e  cuibhrionn  gach  creidmhich 
a  bhi  "  a'  deanamh  gairdeachas  anns  an 
Tighearn  a  ghnath."   Is  e  ar  dleasdanas  a  bhi 


firinneach  agus  onorach,  ceart  agus  coibhneil, 
ach  is  e  ar  dleasdanas  mar  an  ceudna  a  bhi 
'g  ar  giulan  fein  am  measg  dhaoine  gu 
h-aoibhneach,  toilichte.  Fagaidli  duine 
doilgheasach  cuideachd  sam  bith  anns  am 
bi  e,  muladach,  tiirsach.  Tha  uallach  trom 
aig  gach  neach  ri  ghiulan,  agus  cha  bhiodh 
e  ceart  gu'n  cuireadh  tiisa  no  mise  tuilleadh 
air. 

Tha  an  t-abstol  ag  radh  ann  an  aite  eile, 
"  giiilainidh  gach  neach  uallach  fein."  Ma 
tha  ni  sam  bith  a'  cur  dragh  ort  cum  agad 
fhein  e.  Cha  dean  e,  aon  chuid  dhuit  fein 
no  do  dhaoine  eile,  moran  maith  a  bhi 
daonnan  a'  gearan.  Is  e  ar  dleasdanas  do 
Dhia  a  bhi  sunndach.  Chruthaich  Dia  sinn 
'n  a  iomhaigh  fein,  agus  'n  a  fhreasdal  tha 
e  'g  ar  cuartachadh  le  sochairean  gun 
aireamh.  Chuir  e  sinn  ann  an  saoghal 
maiseach  agus  dh'fhoillsich  e  dhuinn  ann 
an  losa  Criosd  slighe  na  slain  te. 

Uile  chreutairean  na  Cruinne. 

Tha  uile  chreutairean  na  Cruinne  a' 
moladh  Dhe.  Tha  na  reultan-maidne  a' 
seinn  a  chliii  agus  tha  uile  mhic  Dhe  a' 
deanamh  gairdeachais.  Tha  na  h-eoin  bheaga 
am  measg  nam  preas  ri  ceilearadh,  agus  tha 
na  h-uain  a'  ruith  agus  a  leum  mu  na  cnocain. 
Tha  an  Salmadair  a'  gairm  air  gach  ni  anns 
am  bheil  anail  an  Tighearn  a  mholadh. 

Is  e  dleasdanas  clann  an  Righ  a  bhi 
subhach.  Cha  d'thubhairt  Criosd  ri  dheisciob- 
uil,  "  is  sibhse  dorchadas  agus  neoil-dhubha 
an  t-saoghail,"  ach  thubhairt  e,  "  is  sibhse 
solus  an  t-saoghail;  gu  ma  h-ann  mar  sin 
a  dhealraicheas  bhur  solus  an  lathair  dhaoine, 
chum  gu'm  faic  iad  bhur  deagh  oibre  agus 
gu'n  toir  iad  gloir  do  'ur  n-Athair  a  ta  air 
neamh." 

Co  a  chuireas  'n  am  aghaidh  an  uair  a 
their  mi  gu  bheil  cumhachd  ann  an  anam 
suilbhir.  Thuig  an  t-abstol  so,  agus  thubhairt 
e  ris  fein  gu'n  deanadh  e  tuilleadh  maith  ann 
an  Corint  le  bhi  sunndach  na  le  bhi  'g  a 
ghiulan  fein  gu  trom  tursach. 


CLANN  AN  RIGH 


An  uair  a  tha  sinn  sunndach  tha  ar  n-obair 
aotrom,  agus  tha  gach  ni  ris  an  cuir  sinn  ar 
lamh  air  a  dheanadh  na's  fhearr.  Tha  spiorad 
suilbhir  anns  an  duine  mar  oladh  air  na 
cuibhleachan.  Is  toigh  learn  an  cosnaiche 
a  sheinneas  aig  'obair.  Leanaidh  e  air  obair 
gun  sgiths  na's  fhaide  na  an  cosnaiche 
gruamach.  Cumaidh  anam  fonnmhor  sgiths 
agus  curam  fada  bhuaith.  Tha  ceum  an 
t-saighdeir  aotrom  hiath  an  uair  a  bhuaileas 
ceol  na  pioba  a  chluas.  Tha  neart  agus 
slainte  a'  tighinn  o  chridhe  ait. 

Thubhairt  duine  glic  uaireigin  gur  fhearr 
gu  mor  a  bbi  ag  amharc  air  taobh  ghrianach 
ar  crannchur  na  mile  's  a'  bhliadhna. 

Chuala  mi  mu  dha  cheannaiche  a  thoisich 
air  marsantachd  anns  an  aon  bhaile  air  an 
aon  la.  Bha  na  prisean  aca  co-ionann  agus 
bha  iad  le  cheile  'n  an  daoine  ceart,  cothrom- 
ach,  nach  deanadh  gniomh  eucorach  air 
neach  sam  bith.  Ach  bha  fear  dhiubh  'n  a 
dhuine  balbh  gniith,  fad  as,  nach  cuireadh 
failt  air  luchd-tadhaill  a'  bhiith.  Bha  a' 
chlann  fhein  'g  a  sheachnadh.  Bha  am  fear 
eile  baigheil,  aoibheil.  Chuireadh  e  failte 
agus  furan  gu  cairdeil  air  sean  agus  6g. 
Bha  e  ealamh,  easgaidh,  agus  cha  bu  dragh 
leis  ni  sam  bith  nach  robh  aige  fhaotainn. 
Is  e  a  thainig  as  gu'm  b'  f  heudar  do  Ghruaman 
a  dhorus  a  dhiinadh  ami  an  ceann  bliadhna, 
ach  chaidh  cuisean  cho  maith  le  Aoibh  agus 
gu'm  b'  fheudar  dha  gille-buth  a  thuarsdal- 
achadh  'g  a  chuideachadh. 

Toileachas-inntinn. 

Tha  Pol  fein  ag  radh  "  gur  buannachd 
mhor  an  diadhaidheachd  maille  ri  toileachas- 
inntinn."  Theagamh  gu'n  abair  neach  gu 
bheil  e  furasda  do  dhaoine  aig  nach  'eil 
dragh  no  ciiram,  agus  aig  am  bheil  beartas 
agus  slainte,  a  bhi  sunndach  agus  riaraichte, 
ach  nach  'eil  e  idir  cho  furasda  do  dhaoine 
a  tha  air  an  claoidheadh  agus  air  am  pianadh 
le  iomadh  camadh  'n  an  crannchur.  Ach  nach 
cual  thu,  a  charaid,  ciod  a  thubhairt  an 
Slanuighear,  "  nach  ann  am  mor-phailteas 
nan  nithe  a  tha  e  a'  sealbhachadh  a  tha 
beatha  an  duine." 

Cha  tig  sonas  gu  brath  bho'n  leth-a-muigh. 
Tha  e  a'  briichdadh  a  mach  as  a  chridhe 
mar  tha  an  t-uisge  a'  sruthadh  as  an  f  huaran. 
Uime  sin,  "  leis  gach  uile  dhicheall  gleidh  do 
chridhe  oir  as  a  sin  tha  sruthanna  na  beatha." 

Is  iomadh  saruchadh  a  fhuair  an  t-abstol. 
Tha  e  ag  innseadh  dhuinn  anns  an  litir  so 


gu'n  robh  e  "  ann  an  cunnartaibh  anns  an 
fhasach  agus  ann  an  cunnartaibh  air  an 
fhairge  .  .  .  ann  an  saothair  agus  ann  an 
sgiths,  am  fairibh  gu  minic,  ann  an  acras 
agus  ann  an  tart,  ann  an  trasgaibh  gu  minic, 
ann  am  fuachd  agus  ann  an  lomnochd." 
Ach  a  dh'aindeoin  a  h-uile  trioblaid  a  thach- 
air  air  chuir  e  roimhe  gun  teachd  a  ris  fo 
dhoilgheas  do  Chorint. 

Tha  daoine  ann  nach  'eil  toilichte  mur 
bheil  iad  ri  cnamhan  agus  ri  gearan.  Ach 
chan  ann  dhiubh  a  bu  choir  dhuinne  a  bhi. 
Tha  eolas  againn  air  Dia  ann  an  Criosd,  a 
tha  a'  tabhairt  dhuinn  aoibhneas  agus 
subhachas,  agus  a  tha  a'  cur  teicheadh  air 
mulad  agus  caoidh. 

Sunnd  nan  saighdearan. 

Tha  e  'n  a  ionghnadh  mor  le  iomadh 
neach  gu  bheil  na  saighdearan  Breatunnach 
cho  cridheil  sunndach  's  a  tha  iad  co  dhiubh 
a  tha  cuisean  a  reir  am  miann  no  nach  'eil. 
Chan  'eil  iad  a  call  am  misnich  air  cho  cruaidh 
's  gu  bheil  an  suidheachadh,  no  ri  aghaidh 
bais  air  muir  agus  air  tir  agus  anns  an  adhar. 
An  uair  a  tha  iad  air  an  leon  tha  ia,d  a' 
fulang  le  faidhidinn,  toilichte  air  son  gach 
ni  a  tha  lighichean  agus  banaltruman  a' 
deanamh  air  an  son.  Nach  dona,  ma  ta, 
a  thigeadh  e  dhuinne  a  bhi  fo  dhoilgheas  an 
uair  a  tha  na  daoine  a  tha  a'  fulang  cruadal 
air  ar  sgath  cho  sunndach  !  Nach  lionmhor 
sochair  agus  comhfhurtachd  a  tha  againne 
nach  'eil  aca-san  ! 

Ciod  is  fhiach  ar  creideamh  ann  an  Criosd 
mur  toir  e  dhuinn  cuid  de'n  t-sith  agus  de'n 
aoibhneas  a  bha  ann  an  cridhe  Chriosd.  An 
uair  a,  tha  sinn  ann  an  trioblaid  no  ann  an 
suidheachadh  cruaidh  thig  esan  'g  ar  n-ionns- 
uidh  mar  a  thainig  e  a  dh'ionnsuidh  nan 
deisciobul  ag  imeachd  air  tonnan  fiadhaich 
na  mara,  agus  cluinnidh  sinn  e  ag  radh, 
"  Na  biodh  eagal  oirbh." 

Chan  'eil  fath  eagail  ann  do  dhaoine  a  tha 
a'  creidsinn  ann  an  Dia,  oir  tha  Fhacal  fein 
ag  innseadh  dhuinn  "  gu  bheil  eadhon  fuilt- 
einean  bhur  cinn  air  an  aireamh." 

Air  an  aobhar  sin  na  biodh  eagal  oirbh ; 
ged  nach  'eil  fhios  ciod  a  bheir  a'  bhliadhna 
UT  so  'g  'ur  n-ionnsuidh  abraibh  ruibh  fein, 
"  Car  son  a  tha  thu  air  do  leagadh  sios, 
0  m'anam  ?    earb  thusa  a  Dia." 


Anns  a'  Chathair 


THA  daoine  air  toiseachadh  air  bruidliinn 
mu'n  t-saoghal  ur  a  bhios  againn  an  uair  a 
sguireas  an  cogadh ;  tha  Hitler  f  hein  ag 
innseadh  gu  bheil  "  ordugh.  iir  "  ri  bhi  air 
a  chur  air  chois  air  tir-mor  na  h-Eorpa  an 
uair  a  gheibh  e  a'  bhuaidh.  Theagamh  gu 
bheil  fhios  aig  Hitler  ciod  a  tha  e  a'  ciallach- 
adh  leis  an  fhacal  "  ordugh  iir  ",  ach  tha 
amharus  agam  nach  'eil  fhios  aca  fhein  gu. 
ro  mhaith  ciod  a  tha  iad  a'  ciallachadh  an 
uair  a  bhios  Cinn  na  h-eaglais  a'  labhairt 
mu'n  t-saoghal  tir  a  dh'fheumas  an  eaglais 
lamh  a  chur  ann  an  deidh  a'  chogaidh. 

Tha  cuimhne  agam.  gu  robh  na  dearbh 
bhriathran  a  bhios  mi  a'  leughadh  agus  a' 
cluinntinn  an  diugh  air  an  labhairt  an  am 
a'  chogaidh  mu  dheireadh,  ach  tha  cuimhne 
agam  cuideachd  nach  tainig  dad  asda.  Cha 
robh  ionghnadh  nach  tainig  ;  b'e  an  t-ionghn- 
adh  na'n  tigeadh,  oir  chan  'eil  amis  an  fhacal 
"  saoghal  tir  "  ach  facal  fhein. 

Co  dhiubh  a  tha  cogadh  ann  no  nach  'eil 
tha  an  eaglais  a'  feuchainn  daonnan  ri  daoine 
a  thoirt  a  steach  do  shaoghal  iir,  an  saoghal 
tir  amis  a  bheil  an  t-anam  air  ath-nuadhach- 
adh  le  cumhachd  an  Spioraid  Naoimh,  agus 
anns  a  bheil  e  a'  faotainn  dearbhachd  mu 
Dhia  agus  mu  ghras  Dhe  ann  an  Criosd. 
Sin  crioch  araidh  na  h-eaglais,  daoine  a 
thoirt  a  steach  do'n  t-saoghal  so  tre  shear- 
monachadh  an  t-soisgeil. 

Cor  aimsireil  an  t-sluaigh. 

Ach  ged  tha  an  eaglais  uile  aonaichte  air 
a'  phuing  so,  gur  e  priomh  obair  mhinistearan 
impidh  a  chur  air  daoine  fa  leth  gabhail  ris 
an  t-slainte  a  tha  Dia  a'  tairgsinn  dhaibh 
ann  an  Criosd,  tha  earrann  mhaith  de'n 
eaglais  a'  teagasg  gu  bheil  e  mar  fhiachaibh 
air  an  eaglais  mar  an  ceudna  feuchainn  ri 
cor  saoghalta  dhaoine  a  leasachadh.  Sin 
na  daoine  a  tha  a'  deanamh  na  bruidhne  mu 
"  shaoghal  iir  ",  agus  is  e  a  tha  'n  an  inntinn 
nach  urrainnear  cor  aimsireil  agus  cor  spiorad- 
ail  an  t-sluaigh  a  dhealachadh  o  cheile,  agus 
gu'm  buin  e  do'n  eaglais  chan  e  mhain  biadh 
spioradail  a  thoirt  do'n  t-sluagh,  ach  comh- 
fhurtachd  aimsireil  a  chosnadh  dhaibh  mar 
an  ceudna ;  biadh  maith,  tighean  maith, 
tuarasdal  maith,  agus  sochairean  eile  de'n 
t-seorsa  sin. 

Ciod  a  theireadh  tu  fhein,  a  leughadair  ? 

Am  buin  an  obair  so  do'n  eaglais,  no  a 
bheil  i  neo-dhileas  do  Chriosd,  no  a  bheil  i 
a'  mi-thuigsinn  an  t-soisgeil,  mur  bheil  social 
programme  aice  'g  a  sparradh  air  an  staid 
ann  an  aiiim  Chriosd  ? 

Tha  e  duilich  a  radh. 


Comh-fharpuis  ris  na  Communists. 

Leam  fhein  agus  ann  an  seanchas  ri  daoine 
eile  tha  mi  a'  cnuasachadh  air  a'  cheist  so  o 
chioiin  da  fhichead  bliadhna,  ach  riamli  cha 
do  chuir  mi  an  dara  taobh  i.  Ach  tha  fhios 
agam  gle  mhaith  nach  'eil  mi  ann  am  inntinn 
fhein  a'  creidsinn  idir  idir  anns  an  rud  ris 
an  abrar  social  gospel,  agus  gur  e  a'  bhaigli 
a  tha  agam  ri  cuid  de  na  daoine  oga  a  tha 
'g  a  shearmonachadh  a  tha  a'  toirt  orm 
gniiis  a  thoirt  dlia  idir.  An  uair  a  tha  cuid 
de  na  ministearan  oga  as  fhearr  leam  anns 
an  eaglais  eudmhor  a,gus  diu-achdach  gus 
am  bochd  a  thogail  o'n  duslach,  agus  an 
t-ainnis  o'n  otrach,  agus  an  cur  'n  an  suidhe 
ann  an  tighean  glan  tir,  an  dochas  gu'n  tig 
iad  do'n  eaglais,  c6  a  ghabhadh  air  fhein  a 
radh  riu  gu'n  robh  iad  a'  caitheamh  an 
saothrach  air  ni  nach  sasuich  ?  An  uair  a 
their  ministcar  6g  riut,  a  tha  ag  obair  ann 
an  ctil-shraid  an  Glaschu,  gu  bheil  na  Com- 
munists a'  falamhachadh  na  h-eaglais  aige 
a  chionn  gu  bheil  Social  Programme  aca  a 
tha  a'  tarruing  an  t-sluaigh  c6  leis  am  bu 
mhaith  coire  fhaotainn  dha  air  son  a  bhi 
saoilsinn  nach  'eil  doigh  air  daoine  a  chosnadh 
o  na  Communists  do  Dhia  ach  le  Social 
Programme  a  thoirt  dhaibh  comhla  ri  teach- 
daireachd  an  t-soisgeil  ? 

Ciod  i  rioghachd  Dhe? 

Ach  air  a  shon  sin  cha  toigh  leam  a  bhi 
a'  cluinntinn  mhinistearan,  6g  no  scan,  agus 
sioch  seachain  Cinn  na  h-eaglais,  a'  bruidhinn 
mu  "  shaoghal  ur  "  an  deidh  a'  chogaidh,  oir 
na'n  tugadh  Dia  cead  agus  ughdarras  do'n 
eaglais  "  saoghal  tir  "  a  dheanamh,  tha  fhios 
agam  nach  biodh  aonachd  no  sith  anns  an 
eaglais  gu  brath  tuilleadh. 

Dh'aontaicheamaid  uile  gu  robh  e  mar 
fhiachaibh  oirnn  rioghachd  Dhe  a  chur  air 
chois  anns  an  t-saoghal  ur. 

Ach  ciod  i  rioghachd  Dhe  ? 

Theireadh  aon  neach  nach  tig  rioghachd 
Dhe  ann  an  dtithaich  air  bith  anns  nach 
'eil  fireantachd  a  chomhnuidh. 

Tha  sin  fior,  theireadh  fear  eile,  ach  tha 
fireantachd  ag  iarraidh  ceartas  a  dheanamh 
eadar  duine  agus  duine,  eadar  tuath  agus 
tighearn,  gun  aon  duine  a  bhi  a'  basachadh 
leis  an  acras  agus  duine  eile  'g  a  mharbhadh 
fhein  le  bhi  ag  itheadh  tuilleadh  's  a  choir. 

Is  daoine  gun  eolas  sibh  le  cheile,  theireadh 
fear  eile ;  an  do  leugh  sibh  riamh  anns  an 
sgriobtur  ? 


ANNS  A'  CHATHAIR 


"  Cha  bhiadh  agus  deoch  rioghachd  Dhe." 
"  Cha  tig  rioghachd  Dhe  air  chor  's  gu'm 

mothaichear  i." 
"  Feuch,  tha  rioghachd  Dhe  aa  taobh  a 

stigh  dhibh." 
"  Chan    ann    de'n   t-saoghal    so    tha    mo 

rioghachd-sa." 
"  A  searmonachadh  rioghachd  Dhe,  agus 

a'  teagasg  nan  nithean  a  bhuineas  do'n 

Tighearn  losa  Criosd. 
"  A  Mhaighstir,   abair  ri  m'bhrathair  an 

oighreachd  a  roinn  rium.   Ach  thubhairt 

losa  ris,  A  dhuine,  co  a  chuir  mise  am 

bhreitheamh  no  am  fhear  roinn  os  bhur 

cionn." 

Theagamh  gu'n  cuireadh  sin  'n  an  tamh 
iad  car  greis,  oir  ma  thoisicheas  duine  air  a 
bheachdan  fhireanachadh  le  iitir  an  sgriob- 
tuir,  tha  e  duilich  argumaid  a  dheanamh  ris, 
eadhon  ged  bhiodh  tn  cinnteach  gu  bheil  e 
cearr. 

Inntinn  Chriosd. 

Na'm  feoraicheadh  tu  de  na  daoine  a  tha 
ag  iarraidh  air  an  eaglais  "  saoghal  ur  "  a 
dheanamh  c6  a  thug  dhaibh  cumadh  no 
dealbh  an  t-saoghail  sin  tha  mi  Ian  chinnteach 
gu'n  abradh  iad  uile  gu'n  d'thug  Criosd 
dhaibh  e,  agus  nach  'eil  e  duilich  do  neach 
air  bith  a  leughas  an  Tiomnadh  Nuadh 
inntinn  Chriosd  a  thuigsinn,  no  fhios  a  bhi 
aige  ciod  an  seorsa  saoghail  a  bhiodh  a 
reir  inntinn-san. 

Nach  'eil,  ma  ta  ? 

Chan  'eil  idir,  arsa  na  daoine  a  bhios  a' 
cur  Social  Programme  ann  an  lamh  agus  ann 
am  beul  na  h-eaglais  ann  an  ainm  Chriosd. 

Och,  och,  mo  thruaighe  mise ;  moch  agus 
anmoch  o  chionn  da  fhichead  bliadhna  agus 
corr  tha  mi  a'  leughadh  an  Tiomnaidh 
Nuaidh  le  aire  agus  curam,  ach  ged  tha  mi 
an  diiil  gu  bheil  mi  a'  tuigsinn  inntimi 
Chriosd  a  thaobh  mo  bheatha  dhiomhair 
fein,  agus  mo  chaitheamh-beatha  am  fianuis 
Dhe  agus  dhaoine,  cha  ghabhainn  orm  fein 
a  radh  air  son  an  t-saoghail  gur  aithne  dhomh 
inntinn  Chriosd  a  thaobh  fichead  rud  a 
bhuineas  do  riaghladh  diithcha. 

Co  as  urrainn  a  bhi  cinnteach  gur  aithne 
dha  inntinn  Chriosd  a  thaobh  Pacifism,  no 
a  thaobh  a  bhi  a'  crochadh  dhaoine  a  rinn 
mort  ? 

Co  as  urrainn  a  bhi  cinnteacli  gu  bheil  e  a 
reir  inntinn  Chriosd  a  bhi  a'  togail  eaglaisean 
agus  altairean  cosdail  'n  a  ainm  ? 

Co  aige  tha  fhios  ciod  a  theireadh  e  mu 
thighean-nan-dealbh,  no  mu  reiseadh  each, 
no  mu  choinneamhan-ciuil,no  mu  dhannsadh? 


Tha  ainn  uile  an  dtiil  gur  h-aithne  dhuinn 
inntinn  Chriosd  a  thaobh  nan  nithean  sin 
(agus  a  chionn  gu  bheil  bhiodh  e  'n  a  pheacadh 
dhuinn  mur  leanamaid  e)  ach  cha  chord  sinn 
am  measg  a  cheile  an  uair  a  dh'fheumas  sinn 
a  radh  ciod  a  cheadaicheadh  no  a  thoirmis- 
geadh  e.  Dh'abradh  miltean  de  chreidmhich 
aon  rud  agus  miltean  eile  rud  eile. 

Ciod  a  theireadh  Criosd  ri  bancairean  a 
thaobh  riadh  airgid ;  no  riut  f  hein  no  rium 
fhein  ma  tha  da  cheud  punnd  Sasunnach 
againn  'n  a  laighe  anns  a'  bhanca  agus  feum 
aig  cuideigin  air  ? 

Ciod  a  theireadh  Criosd  ris  na  h-innleach- 
dan  tira  a  thatar  a'  cleachdadh  gus  aireamh 
na  cloinne  a  chumail  beag  ann  an  teagh- 
laichean  ? 

Ciod  a  theireadh  Criosd  mu  dhoighean- 
malairt  an  t-saoghail  ?  An  iarradh  e  oirnn 
leigeil  le  muinntir  lapan  an  greim  a  thoirt 
a  beul  ar  daoine  fhein,  no  dol  an  comaidh 
riu  ? 

An  iarradh  e  ort  gairdeachas  a  dheanamh 
na'm  posadh  do  phiuthar  duine  dubh  ? 

Is  e  an  fhirinn  nach  'eil  ann  ach  goraiche 
dhuinn  a  bhi  a'  saoilsinn  gu'n  teid  againn 
air  dealbh  Chriosd  a  chur  os  cionn  Social 
Programme  na  h-eaglais,  agus  a  radh  ri 
daoine.  Sin  agaibh  an  "  saoghal  iir  "  a  bu 
mhaith  le  Criosd  fhaicinn  air  thalamh. 

Tha  sean-fhacal  againn  a  tha  ag  radh, 
"  Cha  dubhairt  Dia  an  rud  a  thuirt  thusa." 

Eolas  air  Dia. 

Tha  mise  co  dhiu  an  dull  nach  robh  dad 
eile  anns  an  t-sealladh  aig  Criosd  ach  a 
dheanamh  aithnichte  do  dhaoine  'n  a  shean- 
chas  agus  'n  a  chomunn  gu  bheil  solas  agus 
aoibhneas  agus  saorsa  air  am  faod  sinn 
ruighinn  na'n  gabhamaid  a  dhoigh-san  agus 
na'm  fanamaid  an  co-chomunn  an  Athar 
mar  dh'fhan  esan  an  comhnuidh.  Le  theagasg 
agus  le  bheatha,  le  bhas  agus  le  aiseirigh, 
runaich  e  dearbhachd  a  thoirt  do  dhaoine 
mu'n  Dia  neo-fhaicsinneach  a  bha  iad  a' 
sireadh,  dearbhachd  a  dh'atharraicheas  an 
saoghal  uile  do  neach  air  bith  aig  a  bheil  e. 
Co  dhiubh  a  their  thu  gu'n  do  rinn  Criosd 
reidh  ri  Dia  e,  no  gu  bheil  sith  Dhe  aige  'n 
a  chridhe,  no  gu  bheil  e  air  a  bhreith  a  ris, 
no  air  a  thoirt  a  steach  do  shaoghal  ur,  is  e 
an  aon  ni  a  tha  na  facail  sin  uile  a'  ciallachadh  ; 
tha  iad  a'  ciallachadh  gu'n  d'fhuair  e  tre 
Chriosd  an  t-eolas  sin  air  Dia  anns  a  bheil 
a'  bheatha  mhaireannach  do'n  anam.  Is  e 
eolas  air  Dia  a  thoirt  do'n  t-seann  t-saoghal 
a  tha  againn  an  obair  shonruichte  a  thug 
Dia  do'n  eaglais,  ach  mur  bheil  an  t-eolas 
sin  aig  a  cloinn  fhein  ciamar  a  threoraicheas 
an  dall  na  doill  ? 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Atholl  Gordon,  M.A. 

BHA  mi  duilich  fhaicinn  gu'n  do  shiubhail 
Iain  Bonar  Atholl  Gordon  air  a'  mhios  a 
chaidh  seachad,  am  ministear  mu  dheireadh 
a  bha  anns  an  Eaglais  Shaoir  anns  a'  Cheann- 
mhor.     Bha  e  tri  fichead  's  a  tri  deug. 

Air  oileanachadh  an  Oilthigh  Dhun- 
eideann,  agus  anns  a'  Chollaist  Nuadh  an 
Bun-eideann,  bha  e  air  a  shuidheachadh 
ann  am  Borgue,  dliith  air  a'  chrich  Shas- 
unnaich  an  1898.  An  1906  dh'fhag  e  Borgue, 
is  chaidh  e  do'n  Cheannmhor,  far  an  do 
shaothraich  e  coig  bliadhna  fichead  gus  an 
do  leig  e  dheth  a  dhreuchd  ann  an  1931,  an 
uair  a  bha  an  da  eaglais  anns  a'  Cheannmhor 
air  an  ceangal  ri  eheile  fo  aon  mhinistear. 

Duine  mor  aoibheil  bruidhneach,  aig  an 
robh  guth  laidir,  agus  a  bha  gle  mhaith  air 
searmonachadh,  agus  anabarrach  gaolach  air 
siubhal,  chuir  Atholl  Gordon  seachad  a 
bheatha  os  cionn  coimhthionail  far  nach 
robh  an  obair  trom,  agus  far  an  robh  i  a' 
fas  na  bu  lugha  a  h-uile  bliadhna.  Ann  an 
1843  lean  a'  chuid  bu  mhotha  de'n  choimhth- 
ional  Morair  Bhraghad-Alba  agus  an  Eaglais 
Shaor,  agus  bha  coimhthional  laidir  aig  a' 
cheud  mhinistear,  Ailean  Mac-na-Ceardach, 
M.A.,  sgoilear  maith,  agus  searmonaiche 
maith,  agus  fior  dhuin-uasal,  ach  uidh  ar 
n-uidh  le  fasachadh  na  diithcha  agus  le 
aobharan  eile  chaidh  an  coimhthional  sios 
gus  nach  robh  ann  ach  iarmad  cho  beag  's 
gu  robh  Atholl  Gordon  gle  thoilichte  a 
chtiram  a  leigeil  dheth  an  1931. 

Bha  Mghr  Gordon  'n  a  dhuine  reidh,  sitheil, 
furasda  a  bhi  suas  leis,  agus  geanail  agus 
suairce  ann  an  cuideachd ;  duine  anns  nach 
robh  usaid  no  cabhag,  agus  nach  saoileadh 
gu'm  biodh  gnothuichean  cearr  mur  robh 
lamh  aige  fhein  annta. 


An  t-Urramach  Iain  K.  Mac  Gill-eathain, 
M.A. 

Bha  e  tri  fichead  's  a  sia  deug  a  dh'  aois 
an  uair  a  shiubhail  e  ann  an  deireadh  na 
bliadhna,  agus  corr  agus  leth-cheud  bliadhna 
ann  an  dreuchd  na  ministrealachd.  Sgithean- 
ach  a  thaobh  a  dhuthchais,  agus  air  oileanach- 
adh an  Oilthigh  Chill-rimhinn,  bha  e  air  a 
sliuidheachadh  ann  a  Bhatairnis,  anns  an 
Eilean  Sgitheanach,  an  1890,  sgir  anns  an 
robh  dithis  bhraithean  dha  air  an  suidheach- 
adh,  fear  as  deidh  fir,  an  deidh  dhasan  a 
fagail ;  comharadh  maith  air  meas  a'  phobuill 


air  an  teaghlach.  Dh'  fhag  e  Bhatairnis  an 
1892,  is  chaidh  e  do  Farr,  an  Cataibh;  a 
Farr  chaidh  e  do  Luirg  an  1902 ;  a  Luirg 
chaidh  e  do'n  Mhorairne  an  1908 ;  as  a' 
Mhorairne  chaidh  e  do  sgir  Olrig,  an  Gallaibh, 
an  1929,  far  an  do  shaothraich  e  gus  an  do 
leig  e  dheth  uallach  coimhthionail.  Bha  e 
'n  a  dhuine  ciallach  coir^  reidh  'na  nadur 
agus  'n  a  dhoighean,  agus  glic  'n  a  chomhairle 
agus  'na  ghitilan.  Bha  meas  aig  a  bhraithean 
uile  air.  Bha  e  posda,  agus  bha  seisear 
chloinne  aige. 

An  t-Urramach  Ruairidh  Camshron,  M.A. 

Chaochail  an  duine  grinn  so  gu  h-obann 
ann  an  deireadh  October  ann  an  Srath 
Pheofhair,  far  an  robh  e  a'  fuireach  bho 
leig  e  dheth  obair  ann  an  Gill  Mhoire  air 
Machair  Rois.  Bha  e  air  dol  'n  a  sheachd 
deug  agus  tri  fichead  bliadhna.  Rugadh  e 
an  Obhach  anns  an  Eilean  Dubh ;  bha  e  air 
oileanachadh  ann  an  Obar-dheathain  agus  an 
Collaist  Nuadh  Dhun-eideann,  agus  an  sin 
air  a  shuidheachadh  anns  an  eaglais  Shaoir 
an  Cunndainn.  'Na  dheidh  sin  bha  e  ann 
an  aite  no  dha  eile,  agus  mu  dheireadh  ann 
an  Gill  Mhoire.  Bha  e  'n  a  shearmonaiche 
maith,  agus  'n  a  dhuine  laghach  seanchasach, 
a  bu  toigh  le  bhraithrean. 

"  Democracy." 

Sin  facal  a  tha  trie  air  bilean  dhaoine  an 
diugh,  ach  ciod  a  tha  e  a'  ciallachadh  ?  Ma 
tha  mise  'g  a  thuigsinn  gu  ceart,  tha  an 
duine  a  tha  ag  aideachadh  gu  bheil  e  a'  creid- 
sinn  ann  an  "  democracy  "  a'  ciallachadh  gu 
bheil  creideamh  aige  ann  an  gliocas  dhaoine 
cumanta.  Tha  mise  'g  a  chreidsinn  sin  le 
m'  uile  chridhe ;  gu  bheil  fallaineachd  agus 
gliocas  ann  an  guth  an  t-sluaigh  uile,  an 
uair  a  tha  rud  air  bith  air  a  chur  air  am 
beulaibh  gu  cothromach,  nach  'ail  ann  am 
beachdan  an  t-seorsa  dhaoine  ris  an  abrar, 
intelligentsia,  professors,  dictators,  eugenists, 
pacifists,  agus  gach  seorsa  eile  a  tha  an  dull 
gur  aithne  dhaibh  ciod  a  bhiodh  maith 
dhuinn  na's  fhearr  na's  aithne  dhuinn  fein, 
agus  a  tha  an  diiil  gii  bheil  innleachd 
aca-san  a  chuireadh  ceart  gach  ni  a  tha 
cearr  anns  an  t-saoghal. 

Tha  an  saoghal  Ian  de  dhaoine  neonach, 
ach  tha  moran  dhiubh  gun  chron  air  bith 
annta,  agus  theagamh  gu'm  bitheamaid  'g 
an  ionndrainn  na'n  rachadh  iad  uile  a  bith. 
Ach  an  uair  a  dh'fhasas  neonachas  fasanta 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


agus  a  dh'eireas  intelligentsia  suas,  a  tha  cur 
beachdan  agus  doighean  dhaoine  cumanta 
an  suarachas,  no  a'  deanamh  tair  orra,  tha 
an  seorsa  sin  daonnan  cronail.  Is  e  comhar- 
adh-cluaise  nan  daoine  ris  an  abrar  an 
intelligentsia  gu  bheil  barrachd  eanchainn 
annta  na  tha  annta  de  thur,  agus  gu'm  bu 
mhaith  led  toirt  air  daoine  am  beatha  a 
riaghladh  le  solus  reusoin  seach  a  bhi  a' 
toirt  geill  do  sheana  chleachdaidhean  an 
aithrichean  no  d'  am  faireachduinean  fein. 
Ach  is  comharadh-cluaise  an  duine  chumanta 
gu  bheil  barrachd  tiiir  ann  na  tha  ann  de 
eanchainn,  agus  gur  fhearr  leis  cleachdadh 
an  t-saoghail  a  leantuinn  seach  earbsa  a 
chur  ann  an  solus  a  reusoin  fein.  Tha  mise 
cinnteach  gu  bheil  an  duine  cumanta  ceart 
anns  a'  chuis  so,  agus  gu  bheil  e  glic  dha 
fasain  agus  cleachdaidhean  a'  chinne-daonna 
a'  leantuinn  seach  an  cuan  a  ghabhail  fo 
cheann,  gun  chairt  no  gun  chombaist  ach 
solus  a  reusoin  fein. 

Tha  mughadh  mor  eadar  eolas  agus  gliocas  ; 
tha  iomadh  ceist  ag  eirigh  ann  an  riaghladh 
duthcha  air  nach  'eil  eolas  air  bith  aig  an  duin6 
chumanta,  no  co  dhiu  chan  'eil  aige  ach 
sbruileach  eolais,  air  chor  agus  nach  ruigear 
a  leas  a  chomhairle  iarraidh  no  ghabhail  a 
thaobh  nan  ceistean  sin,  ged  tha  sinn  a' 
creidsinn  ann  an  "  democracy."  Theagamh 
gu'n  gabhadh  ceist  de'n  t-Seorsa  sin — abair 
luach  a'  phuinnd — a  bhi  air  a  socrachadh  le 
buidheann  beag  de  bhancairean  agus  de 
luchd-gnothuich,  na  b'  fhearr  na  le  guth 
mhiltean.  Ach  a  thaobh  cheistean  mora 
anns  a  bheil  onoir  agus  cliu  rioghachd, 
moraltachd  agus  ceartas  eadar  duine  agus 
duine  air  am  filleadh  (no  eadhon  air  an 
amladh),  tha  guth  dhaoine  cumanta,  an 
uair  a  chuireas  iad  an  crois  'n  am  miltean 
agus  'n  am  muilleanan  ann  am  bocsa-an- 
taghaidh  na's  cinntiche  a  bhi  ceart  na  h-uile 
comunn  de  "shar-dhaoine"  air  thalamh,  a 
tha  a'  riaghladh  am  beatha  agus  a'  tomhas 
gach  cuise  le  solus  an  reusoin. 

An  e  so  a  bha  Criosd  a'  ciailachadh  an 
uair  a  thubhairt  e  "  Tha  mi  a'  toirt  buidh- 
eachais  dhuit,  0  Athair,  air  son  gu'n  d'fhol- 
uich  thu  na  nithean  so  o  dhaoine  eagnuidh 
agus  tuigseach,  agus  gu'n  d'fhoillsich  thu  iad 
do  leanabaibh  ?  " 

Cha  bhi  sith  gu  brath  eadar  eaglais  Chriosd 
agus  an  seorsa  dhaoine  ris  an  abrar  Dictators, 
oir  tha  meas  aig  an  eaglais  air  an  duine 
chumanta,  ach  chan  'eil  aig  na  Dictators  air 
ach  tair. 


Coguis  ghlan. 

An  am  cogaidh  tha  e  'n  a  chomhfhurtachd 
mhor  do  rioghachd  a  bhi  cinnteach  gu  bheil 
a  coguis  glan  agus  ceartas  air  a  taobh.  Tha 
e  furasda  do  dhaoine  iad  fein  a  mhealladh, 
agus  a  shaoilsinn  gu  bheil  iadsan  neochiontach 
agus  daoine  eile  ciontach,  ach  tha  mi  an  diiil 
gu  bheil  e  a  nis  cho  soilleir  do'n  t-saoghal  gu 
bheil  ciont  a'  chogaidh  air  guaillean  Hitler 
's  nach  leig  sinne  leas  a  bhi  a'  pianadh  ar 
coguis  le  bhi  a'  feoraich  dhinn  fhein  an 
gabhadh  an  cogadh  seachnadh  na'n  do  rinn 
sinn  sud  no  so.  Bha  aon  doigh  anns  an 
gabhadh  an  cogadh  seachnadh,  a  thoil  fhein 
a  leigeil  le  Hitler,  ach  cha  chuala  mi  duine 
air  bith  'g  a  chomhairleachadh  sin. 

Bha  a'  Ghearmailt  laidir  agus  deas,  a 
chionn  gu  robh  cogadh  'n  a  beachd  o  thois- 
each,  agus  anns  an  da  bhliadhna  a  mhair  e 
cheana  rinn  i  falach-fead  air  a  h-uile  arm 
a  thachair  oirre,  as  am  bi  a  clann  a'  deanamh 
boilich  gii  brath.  Ach  cha  robh  sinne  laidir 
no  deas,  a  chionn  nach  robh  cogadh  'n  ar 
cridhe,  agus  anns  an  da  bhliadhna  mu 
dheireadh  fhuair  sinn  buillean  goirt  agus 
dh'  fhuiling  sinn  tamailt  a  bha  mar  gu'm 
biodh  sgian  'g  a  sathadh  'n  ar  cridhe.  Ach 
buidheachas  do'n  Fhreasdal  tha  sinn  fhathast 
air  ar  casan,  agus  a'  fas  na's  laidire  a  h-uile 
seachduin. 

Ach  chan  'eil  an  cunnart  na's  lugha  na 
bha  e ;  theid  an  cogadh  so  air  aghaidh  iiine 
mhor  fhathast,  agus  bithidh  an  saoghal  uile 
air  theine. 

Tha  a  chuid  sin  de  na  daoine  againne  a 
bhios  a'  magadh  air  Hitler,  agus  a'  cur 
inntinn  agus  a  leirsinn  an  suarachas,  'g  am 
mealladh  fein,  agus  a'  bruidhinn  ann  an 
doigh  leanabail.  Is  duine  Hitler  nach  fhacas 
moran  d'a  leithid  riamh  mar  cheannard- 
sluaigh  an  sith  no  an  cogadh,  agus  is  ion 
dhuinn  eagal  a  bhi  oirnn  roimhe,  agus  gach 
innleachd  as  aithne  dhuinn  a  chleachdadh  'g 
ar  dion  fhein  o  chorruich.  Leugh  mi  leabhar 
an  droch  dhuine  tri  uairean  co  dhiubh,  agus 
mar  is  fhaide  a  tha  e  a'  dol  air  aghaidh  is 
ann  is  fhasa  fhaicinn  nach  ann  a'  leum  a 
null  agus  a  nail  a  tha  e,  ach  ag  iarraidh  gu 
seolta  uidh  ar  n-uidh  a  dh'  ionnsuidh  a' 
chinn-uidhe  a  chuir  e  roimh  'n  Ghearmailt 
ann  an  Mein  Kamph. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


CIOD  an  aois  aig  am  faodar  a  radh  mu 
dhuine  gu  bheil  e  a'  fas  "  sean  ?  "  Chan  'eil 
sin  furasd  a  radh,  oir  chan  ann  aig  an  aon 
aois  a  tha  daoine  a'  fas  sean.  Bhiodh  an 
t-Ollamh  A.  K.  H.  Boyd  ag  radh  gn  robh 
neart  duine  a'  failneachadh  aig  coig  is  da 
fhichead,  ach  faodaidh  duine  a  bhi  og  anns 
gach  doigh  eile  iomadh  bliadhna  an  deidh 
d'a  neart  toiseachadh  air  failneachadh. 
Theagamh  gu  bheil  cuimhne  agad,  a  leughad- 
air,  air  an  rud  a  thubhairt  Caleb,  mac 
lephuneh,  "  Tha  mi  ceithir  fichead  agus 
coig  bliadhna  dh'aois,  ach  tha  mi  an  diugh 
fhathast  cho  laidir  's  a  bha  mi  an  uair  a 
chuir  Maois  mi  a'  rannsachadh  an  fhearainn: 
mar  bha  mo  neart  an  la  ud  mar  sin  tha  mo 
neart  a  nis,  chum  cogaidh,  agus  a  dhol  a 
mach,  agus  a  theachd  a  steach."  An  robh 
Caleb  a'  boilich  ? 

Thubhairt  Gladstone  gu'm  b'e  na  bliadhn- 
achan  os  cionn  tri  fichead  a'  chuid  a  b' 
fhearr  agus  a  bu  shona  d'a  bheatha  uile, 
ach  chan  urrainnear  Gladstone  a  thomhas 
leis  na  toimhsean  a  chuirear  ri  daoine  eile  • 
bha  e  ann  an  sreath  leis  fhein.  Na'n  do 
shiubhail  Gladstone  aig  tri  fichead  's  a 
deich  bhiodh  cuid  mhaith  de  obair  a  bheatha 
gun  deanamh.  Bha  e  seachd  deug  is  tri 
fichead  an  viair  a  dh'fheuch  e  ri  "  Home 
Rule  "  a  thoirt  do  na  h-Eireannaich,  agus 
bha  e  ceithir  fichead  's  a  coig  m'an  do  leig 
e  dheth  obair  na  Parlamaid,  ach  eadhon 
aig  an  aois  sin  bha  e  a'  gealltainn  dha  fhein 
gu'm  faigheadh  e  a  nis  cothrom  air  lamh 
a  chur  ann  an  rud  an  eile  nach  robh  iiine 
aige  air  an  son  na  bu  traithe  'n  a  bheatha. 
Bha  e  naoi  agus  ceithir  fichead  an  uair  a 
shiubhail  e. 

Am  measg  nan  nithean  eile  anns  an  do 
chuir  Gladstone  lamh  'n  a  sheann  aois 
thionndaidh  e  gu  Laidionn  cuid  de  na 
laoidhean  Beurla  a  bu  docha  leis. 


Beachd  an  Americanaich. 

Tha  mi  an  diiil  gur  e  lighiche  Americanach 
a  thoisich  an  toiseach  air  a  radh  nach  'eil 
moran  feuma  ann  an  daoine  a  tha  os  cionn 
da  fhichead,  agus  is  iomadh  duine  a  fhuair 
ana -cothrom  air  taillibh  an  fhacail  sin,  agus 
a  chain  posta  a  bha  e  freagarrach  air  a  shon 
cho  luath  's  a  dh'innis  e  aois.  Thubhairt 
an  lighiche  ud  gu'm  biodh  an  saoghal  aig 
a'  cheart  ire  aig  a  bheil  e  an  diugh,  a  thaobh 
eplais,    agus   ealain,    agus   litreachais,    agus 


gniomhachais,  ged  bhiodh  na  rinn  daoine 
a  chaidh  seachad  air  da  fhichead  air  a 
dhubhadh  as  uile  gu  leir.  Tha  crioman 
de'n  fhirinn  anns  an  fhacal  sin  oir  bhiodh 
an  saoghal  mar  tha  e  ged  nach  biodh  gu 
leoir  de  chlann  an  eolais  agus  na  h-ealain 
air  am  breith  idir. 

An  uair  nach  'eil  ann  ach  bruidhinn, 
aontaichidh  daoine  gun  uiread  agus  deasbud 
a  bhi  uime  gu'm  biodh  e  na  b 'fhearr  dhuinn 
comanndairean  oga  a  bhi  thairis  air  an  arm 
agus  anns  na  soithichean-cogaidh,  ach  an 
uair  a  thoisichear  air  an  taghadh  a  dheanamh, 
a'  coimeas  an  fhir  ud  ris  an  fhear  ud  eile, 
agus  a'  coimeas  nan  comanndairean  oga  ris 
an  fheadhainn  a  tha  leth-cheud  no  os  a 
chionn,  tha  e  am  bitheantas  a'  tachairt  gu'n 
roghnaichear  ceannardan  agus  sgiobairean  a 
tha  sean,  no  co  dhiubh  nach  'eil  6g.  Agus 
thatar  'g  a  dheanamh  so  le  comhairle 
shuidhichte,  chan  ann  a  chionn  gu  bheil 
fabhar  'g  a  nochdadh  do  sheann  daoine, 
ach  a  chionn  nach  'eil  sinn  a'  creidsinn  'n 
ar  cridhe  gur  duine  uUamh  duine  a  rainig 
leth-cheud  bliadhna  no  eadhon  tri  fichead. 
Chan  'eil  duine  sean  gus  an  toisich  e  air 
a  sprachd  agus  a  chlise  agus  a  mhisneach 
a  chall,  'n  a  bhodhaig  agus  'n  a  inntinn. 
Ach  tha  duine  ro  shean  aig  aois  air  bith 
ma  tha  leisg  no  leomainn  'n  a  eanchainn. 

Na  h-urracha  mora. 

Tha  Winston  Churchill  tri  fichead  's  a 
seachd,  ach  c6  an  duine  6g  a  bu  mhaith 
leinn  f  haicinn  'n  a  aite  ?  No  am  bitheamaid 
cinnteach  as  fhein  na'n  robh  e  far  a  bheil 
e  aig  da  fhichead  ?  Cha  mhisd  duine  air 
bith  gu'n  tugadh  an  aois  bhuaith  a  bhraise 
ma  thng  i  dha  breithneachadh  agus  tuigse. 
Bha  Diuc  Wellington  sia  is  da  fhichead  an 
uair  a  chuir  e  ratreut  air  Napoleon  air  blar 
Waterloo,  ceithir  miosan  na  bu  shine  na 
Napoleon;  bha  Nelson  da  fhichead  's  a 
seachd  an  uair  a  bha  e  air  a  mharbhadh 
aig  Trafalgar,  agus  Sir  Iain  Moore  an  aois 
cheudna  an  uair  a  thuit  e  anns  a'  bhlar. 
Ach  a  dh'aindeoin  na  thubhairt  an  lighiche 
Americanach  chan  abramaid  umpa  gu'm  bu 
daoine  oga  iad. 

Ach  gus  am  facal  ud  a  thubhairt  e  a 
bhreugnachadh  air  dhoigh  eile  tha  mi  an 
dull,  a  leughadair,  gu'n  aontaich  thu  leam 
anns  a'  bheachd  so,  gu'n  cailleadh  an  saoghal 
iomadh  leabhar  maiseach  na'n  robh  na  daoine 


8 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


a  sgriobh  iad  air  an  gearradh  as  aig  da 
fhichead.  Bha  cuimhne  mhaith  aig  a' 
Mhorair  Mac  Amhlaidh,  agus  thubhairt  e 
so,  "  Tha  mi  a'  gabhail  orm  fhein  a  radh, 
gii  robh  na  leabhraichean  a  b'fhearr  a 
sgriobh  iad  riamli  air  an  sgriobhadh  an 
taobh  a  stigh  de  na  seachd  bliadhna  deug 
niu  dheireadh  de  bheatha  nan  daoine  a 
sgriobh  iad."  Bha  Iain  Bunyan  suas  ri 
leth-cheud  an  uair  a  sgriobh  e  Turns  a' 
Chriosduidh ;  bha  Sir  Walter  Scott  da 
fhichead  's  a  h-ochd  an  uair  a  sgriobh  e 
Ivanhoe ;  bha  Defoe  suas  ri  tri  fichead  an 
uair  a  chuir  e  a  mach  Robinson  Crusoe. 

Ach  ged  tha  buadhan  'n  a  h-inntinn  am 
bitheantas  gun  failneachadh  aig  tri  fichead 
theirinn  nach  'eil  ach  duine  annamh  gun 
failneachadh  'n  a  bhodhaig  aig  tri  fichead, 
agus  a'  chuid  as  mo  coig  bliadhna  roimh  sin. 

Tha  e  glic  do  dhaoine  a  rainig  tri  fichead 
riof  no  dha  a  chur  anns  an  t-seol,  agus  a 
bhi  taingeil  ma  theid  aca  air  an  obair  a 
dheanamh  air  an  athais.  An  uair  a  tha 
duine  6g  cha  chuir  cabhag  'n  a  bhreathal 
no  'n  a  bhreislich  e,  ach  cuiridh  cabhag 
troimh-cheile  ann  ad  cheann  agus  crithean- 
aich  'n  ad  iosgaidean  agus  'n  ad  laimh  an 
uair  a  thoisicheas  an  aois  air  laighe  ort. 


Thig  i  gun  iarraidh. 

Ged  bhios  cuid  de  dhaoine  a'  moladh  na 
h-aoise  mar  gu'm  bu  rud  ion-mhiannaichte 
a  tha  innte  chan  'eil  e  a'  toirt  toileachdah 
air  bith  dhomh  fhein  a  bhi  fas  sean.  Tha 
mi  an  dochas  gu'n  gabh  mi  rithe  gunghearan, 
gun  chaoidh,  mar  is  coir  do  dhuine  turail 
gabhail  ri  toil  Dhe  agus  ciusa  a  Fhreasdail, 
ach  air  a  shon  sin,  na'n  robh  an  comas 
agam,  theirinn  am  fianuis  mo  bhraithrean 
anns  a'  Chleir,  "  A  ghrian,  stad  air  Gibeon, 
agus  thusa,  a  ghealach,  air  gleann  Aialoin." 

Cha  mhor  dhaoine  air  nach  toir  e  clisgeadh 
a'  cheud  uair  a  chluinneas  iad  duine-eigin 
eile,  aig  nach  'eil  diiil  gu  bheil  iad  'g  a  chluinn- 
tinn,  a'  bruidhinn  umpa  mar  "  bhodach  ", 
eadhon  ged  b'e  "  bodach  mor  gasda  "  a 
theireadh  e.  Cha  toir  a  ghasdachd  an  gath 
as  an  fhacal.  Ged  nach  biodh  ann  ach  na 
speuclairean  fhein,  mar  is  sine  tha  thu  a' 
fas,  is  ann  is  mo  an  tlachd  ann  a  bhi  dol  air 
chall. 

Air  uairean  bidh  mi  a'  smuaineachadh 
ciod  am  mtighadh  a  dheanadh  e  ann  am 
beatha  dhaoine  'n  an  robh  iad  a'  faotainn 
coig  ceud  bliadhna  de  shaoghal  an  aite 
ceithir  fichead  bliadhna.  Am  biodh  iad  na  bu 
ghlice  ?    Tha  mi  an  diiil  nach  bitheadh. 


Laoidh  388 


Rioghaichidh  losa  ge  b'e  ait' 
An  siubhail  grian  'n  a  triall  gach  trath, 
Sinidh  a  reachd  troimh  chorsaibh  cein 
Nuair  theirigeas  caochlaidhean  an  re. 


Bidh  aoradh.  dha  gach  la  as  tir, 
Ard  mholadh  bidh  m'a  cheann  mar  chrun, 
'S  mar  f  haileadh  cubhraidh.  ainm  gu'n  teid 
'S  gach  iobairt  mhaidne  suas  gu  neamh. 


3 

Togaidh  gach  tir,  gach  teang',  is  sluagh, 
A  chliii  le  laoidhean  binn  'g  a  luaidh, 
'S  bidh  ainm  an  Ti  thug  gradh  cho  mor 
Air  bilean  caomh  nan  leanaban  6g. 


Sona  gach  tir  d'a  reachd  a  dh'aom, 
Ni  'm  braighde  leum  a  ghlacadh  saors' ; 
Gheibh  luchd  na  saothrach  fois  bhith-bhuan 
'S  bidh  solas  aig  an  anrach.  thxuagh. 


Eireadh  gach  creutair  beo  's  gach  tir 
Thoirt  urraim  araidh  do  ar  Righ 
Le  laoidhean  tilleadh  coisir  neimh 
Is  togadh.  talamh  ard  Amen. 


[Bha  an  laoidh  Bheurla  so  air  a  tionndadh  gu  Gdidhlig  an  Id  roimhe  leis  an  Urramach 
Gilleasbuig  Ddmhnullach,  D.D.,  a  tha  ochd  agus  ceithir  fichead  bliadhna  dh'  aois.] 


Aireamh  3 


1942 


Soitheach  taghta 


Leis  an  Urramach  Ruairidh  Moireasdan,  Lit. A.,  an  Stedrnabhagh 

Imich  ;  oir  is  soitheach  taghta  dhomh-sa  e,  chum  m'ainm  a  ghiidan  am  fianuis  nan 
Cinneach,  agus  righrean,  agus  chloinn  Israeil.  Oir  nochdaidh  mise  dha  cia  mor  na 
nithean  as  eigin  dafhulang  air  sgath  m'ainme-sa. — Gniomharan  ix.  15. 


BHA  na  briathran  so  air  an  labhairt  mu 
thimchioll  Saul  o  Tharsus  an  la  a  choinnich 
Criosd  ris  air  an  t-slighe  gu  Damascus.  B'e 
losa  fein  a  labhair  na  briathran,  ann  an 
sealladh,  ri  Ananias,  agus  anns  na  briathran 
tha  e  toirt  dhuinn  ann  am  beagan  fhacal 
sealladh  roimh-laimh  air  beatha  Phoil  mar 
shearmonaiche  an  t-soisgeil. 

Cha  b'e  tachartas  gun  aobhar  a  bha  idir 
ann  an  iompaehadh  Phoil ;  cha  robh  ann 
ach  gniomh  Chriosd,  a'  giiilan  a  mach  a  run 
beannaichte  fhein  a  thaobh  Phoil  agus  a 
thaobh  na  h-eaglais ;  agus  'g  a  ghitdan  a 
mach  aig  an  am  a  bu  fhreagarraiche  anns 
na  h-uile  seadh.  Oir  ma  bha  riamh  ann  o 
la  na  Cuingis  am  anns  am  faodte  lethsgeul 
Chriosduidhean  a  ghabhail  air  son  laighe 
sios  ann  an  eu-dochas  's  ann  an  uair  a  bha 
Saul  o  Tharsus  a'  geur-leanmhuinn  na 
h-eaglais  agus  a'  bagradh  cuir  as  dhi  buileach. 
Ma  bha  an  eaglais  riamh  a'  cur  feum  air 
inntinn  chomasach  agus  air  cridhe  duineil 
am  measg  a  buill,  a  chum  a  stiureadh,  a 
neartachadh,  agus  a  leudachadh  air  thalamh, 
's  ann  an  uair  a  bha  Saul  o  Tharsus  air  a 
shlighe  gu  Damascus  lan-rimaichte  crioch  a 
chur  air  eaglais  Chriosd.  Agus  ma  bha 
cuisean  riamh  coltach  ris  gu  robh  an  eaglais 
air  a  treigsinn  agus  aobhar  Chriosd  a'  dol  a 
thuiteam  gu  talamh  's  ann  anns  an  latha 
sgapaidh  agus  dearbhaidh  a  bha  an  sud. 

Dia  ag  ullachadh. 

A  nis,  nuair  a  tha  gaisgeach  treun,  ann 
an  am  na  h-eiginn,  a'  leum  gu  post  a  dhleasd- 
anais,  agus  ag  orduchadh  chuisean  air  dhoigh 
's  gu'm  bheil  an  t-aobhar  a  bha  iosal  air  a 
dheanamh  l^idir  agus  gealltanach,  chan  ann 
idir  air  thuaiream  a  th^inig  an  duine  so  gu 
bhi  far  am  bheil  e ;  tha  lamh  ard-uachdranail 
agus  chumhachdach  air  chul  na  ciiise.  Mar 
sin,  gach  feart  agus  freasdal  fa  leth  a  bha 
ann  an  eachdraidh  Shauil  suas  a  chum  an 
ama  so — ann  an  laithean  oige  ann  an  Tarsus, 
ann  an  Jerusalem  aig  casan  Ghamaliel,  ann 
am  buadhan  duineil  inntinn  's  a  chridhe 
fhein,  seadh,  eadhon  'n  a  chursa  mar  fhear- 


geur  -  leanmhuinn  —  thionndaidheadh  na 
nithean  so  uile  gu  feum  anns  an  inneal  sin 
a  bha  an  Tighearn  ag  ullachadh  air  ,son 
eaglais  anns  an  duine  so  mu'n  d'thubhairt 
e,  "  Is  soitheach  taghta  dhomh-sa  e." 

Faodaidh  sinn  lan-chreideas  a  bhi  againn 
gu'n  toir  an  Tighearn  fior  churam  dha 
aobhar  fhein.  Tha  e  na's  faiciUiche  mu 
aobhar  fhein  na  's  urrainn  do  neach  sam 
bith  dhinne  bhi ;  agus  ma  ghreimich  e  ann 
an  Saul  o  Tharsus  air  na  feartan  sin  a  bha 
ag  oibreachadh  air  son  sgrios  na  h-eaglais 
agus  gu'n  do  thionndaidh  e  iad  gu  bhi  'n 
an  inneal  cumhachdach  a  chum  a  math,  is 
cinnteach  gu'm  faod  sinn  earbsa  ris  aobhar . 
fhein  a  ghitilan  air  adhart  fhathast,  gu 
sonraichte  nuair  a  tha  sinn  a'  faicinn,  ma 
tha  sixilean  againn  a  chum  fhaicinn,  gu'm 
bheil  iomadh  neach  sgapte  air  feadh  an 
t-saoghail,  curaidhean  gaisgeil,  a'  seasamh 
gu  treun  an  aghaidh  armailtean  an  uilc  air 
son  aobhar  na  Firinn  agus  Dhe,  a  thaobh 
am  bheil  an  Tighearn  ag  radh,  mar  a  thubh- 
airt  e  mu  Shaul,  "  Is  soitheach  taghta 
dhomh-sa  e." 

Ri!in  an  Tigheama. 

Ceum  a.ir  cheum,  tha  run  an  Tighearn  air 
son  aobhar  anns  an  t-saoghal  so  'g  a  fhuasg- 
ladh  fhein  suas  mu  ar  coinneamh,  agus  chan 
'eil  suidheachadh  sam  bith  aig  an  eaglais,  ge 
b'e  cho  dorcha  's  a  dh'fhaodas  cuisean  a 
bhith,  anns  nach  'eil  meuran  Chriosd  ag 
obair,  ag  ullachadh  air  a  shon  fein  soithichean 
taghta,  a  ghiixlanas  'ainm  a 'mach  air  feadh 
uile  rioghachdan  an  t-saoghail;  agus  chan 
'eil  ach  beagan  dhiubh  sin  a  tha  air  an 
taghadh  gu  bhi  a'  gitdan  a  mach  'ainm  nach 
'eil  mar  an  ceudna  air  an  taghadh  air  son 
an  urram  a  bhi  ri  faicinn  nan  nithean  mora 
is  eiginn  daibh  fhulang  air  sgath  ainme-san. 
Tha  run  Chriosd  a'  toirt  fainear  araon  feum 
mor  an  t-saoghail  agus  naimhdeas  an 
t-saoghail;  agus  tha  na  soithichean  taghta 
air  an  ullachadh  gu  bhi  a'  coinneachadh  ris 
an  f  heum  sin  agus  a'  fulang  bho  an  naimhdeas 
sin.     Ann  an  eachdraidh  Phoil  bha  seirbhis 


SOITHEACH  TAGHTA 


do  Chriosd  agus  fulangas  air  son  Cliriosd  gu 
sonraichte  toinnte  am  measg  a  cheile.  Facal, 
a  nis,  air  gach  aon  diubh. 

Am  fianuis  nan  cinneach. 

Anns  a'  cheud  aite  an  t-seirbhis,  an 
t-aobhar  sonraichte  air  son  na  thagh  an 
Tighearn  Pol :  "  Chum  m'ainme  a  ghiulan 
am  fianuis  nan  Cinneach,  agus  righrean, 
agus  chloinn  Israel." 

B'e  an  soisgeul  a  dh'earbadh  ri  Pol  ainm 
an  Tighearna.  B'e  suim  a  theachdaireachd 
— an  teachdaireachd  oirdhearc  sin  a  tha 
seirm  tearnadh  choimhlionta  air  son  saoghal 
caillte — cha  b'e  ni  sam  bith  eile  ach  a 
mhain  ainm  an  Tighearna.  Tha  Pol  a'  toirt 
dhuimi  iomadh  mineachadh  comasach  air  na 
bha  taisgte  suas  anns  an  ainm  sin  dha-san. 
Thoir  suil  air  agus  e  air  beulaibh  righ 
Agrippa,  agus  e  'g  a  dhion  fhein  o  na 
casaidean  a  bha  air  an  toirt  'n  a  aghaidh 
leis  na  h-Iudhaich,  agus  faic  cho  comasach 
's  a  tha  e  cruinneachadh  suas  suim  a  theag- 
aisg:  "Air  dhomh,"  ars  esan,  "  comhnadh 
fhaotainn  o  Dhia,  bhuanaich  mi  gus  an  la 
an  diugh,  a'  deanamh  fianuis  do'n  bheag 
agus  do'n  mhor,  gun  ni  air  bith  a  labhairt 
ach  na  nithean  sin  a  thubhairt  na  faidhean 
agus  Maois  a  bha  gu  teachd ;  gu  robh  Criosd 
gu  fulang,  agus  gu  robh  e  gu  eirigh  an  ceud 
neach  o  na  marbhaibh,  agus  gu  foillsicheadh 
e  solus  do'n  phobull  agus  do  na  Cinnich." 
Anns  na  briathran  sin  tha  sinn  a'  cluimitinn 
an  abstoil,  ann  an  tri  smuaintean  mora,  a' 
cur  an  ceill  na  bha  taisgte  ann  an  ainm  losa 
dha-san. 

Tri  smuaintean  mora. 

Gun  teagamh,  is  eigin  duinn  cumail  'n 
ar  sealladh  an  comhnuidh  gu  robh  Pol  a' 
searmonachadh,  chan  e  teagasgan,  ach  pearsa. 
Soisgeul  a  tha  a'  co-sheasamh  ann  an 
teagasgan  a  mhain,  chan  'eil  luach  spioradail 
sam  bith  ann.  Chan  'eil  beatha  no  beathach- 
adh  anns  an  fhirinn  lom.  Ma  tha  beatha  no 
cumhachd  gu  bhi  'n  a  do  theagasgan  chum 
math  an  duine  feumaidh  pearsa  bed  a  bhi 
ann  an  cridhe  'do  theagasgan,  pearsa  beo 
anns  an  ^abh  anam  an  duine  fois.  B'e  sin 
an  soisgeul  a  bha  aig  Pol,  oir  b'e  a  shoisgeul 
Criosd,  agus  ann  an  tri  smuaintean  mora, 
ann  an  lathair  Agrippa,  chruiimich  e  suas 
suim  a  theagasgan. 

..(1)  Anns  a'  cheiid  aite,  leag  e  cudthrom 
air  an  fhirinn  so:  Gu^n  deach  an  Criosd  a 
bha  esan  a'  searmonachadh  troimh  fhulang- 
asan  mora.  Rinn  na  faidhean  roimh-laimh 
iomradh  air  gu'm  biodh  so  mar  so;  bha 
d^imh  an  duine  ri  Dia  ag  agradh  gu'm  biodh 


so  mar  so,  oir  bha  an  duine  'n  a  pheacach; 
thug  eachdraidh  Chriosd  anns  an  t -saoghal 
mu'n  cuairt  gu  robh  so  mar  so;  agus  chuir 
Criosd  fein  an  deidh  'aiseirigh  an  ceill  gu 
soilleir  gu'm  feumadh  so  a  bhi  mar  so. 
"  Nach  b 'eigin  do  Chriosd,"  ars  Esan,  "  na 
nithean  so  fhulang,  agus  dol  a  steach  d'a 
ghloir  ? 

Mar~  so  tha  e  sgriobhta,  agus  mar  so 
b 'eigin  do  Chriosd  fulang,  agus  eirigh  o  na 
mairbh  an  treas  la."  An  Criosd  sin  is  e 
ainm  an  soisgeul  air  son  saoghal  caillte, 
b 'eigin  dha  ann  an  seadh  sonraichte  dol 
troimh  f hulangasan.  Air  son  na  criche  so 
thainig  e  chum  an  t-saoghail,  agus  tha 
moran  cudthrom  ann  an  cainnt  an  fh^idh 
ag  iomradh  air  mar  dhuine  dhoilgheasan 
agus  eolach  air  bron.- 

Bha  eigin  tri-fillt  air  son  fulangasan 
Chriosd;  eigin  a  thaobh  Dhe;  eigin  a 
thaobh  Chriosd  fein,  agus  eigin  a  thaobh 
an  duine.  Ghabh  Dia  ri  fulangasan  Chriosd 
mar  iobairt-reitich  air  son  peacaidh,  seadh, 
air  son  peacaidhean  an  t-saoghail  uile. 
Fhuair  peanas  a'  pheacaidh  Ian  dhioladh 
ann  am  fulangasan  Chriosd.  "  Leag  an 
Tighearn  air-san  aingidheachd  gach  aon 
againn."    Bha  lamh  Dhe  anns  na  fulangasan 


Umhlachd  Chriosd. 

Ach  bha  eigin  ann  am  fulangasan  Chriosd 
a  thaobh  Chriosd  fhein.  "  Ged  bu  mhac  e, . 
dh'fhoghluim  e  umhlachd  o  na  nithean  a 
dh'fhulaing  e."  Mar  cheannard  ar  slMnte 
rinneadh  foirfe  e  troimh  f hulangasan.  B'e 
f hulangasan  pairt  de  na  fein-fhiosraichidhean 
troimh  an  robh  aige  ri  dhol  ann  a  bhi  'g  a 
uUachadh  fhein  gu  bhi  'n  a  cheannard  air 
daoine  taghta  Dhe.  Dhearbh  iad  fhoghaint- 
eachd  mar  cheannard,  thug  iad  cothrom  d'a 
cho-fhaireachdainn  ri  bhraithrean  l^n- 
chleachdadh  fhaotainn  o  fhein-fhiosrachadh. 
Thug  fulangasan  Chriosd  dhuinn  chan  e 
mhain  Dia  agus  athair  ann  an  reite  ruinn, 
ach  mar  an  ceudna  Slanuighear  comasach 
seasamh  air  ar  son  ri  aghaidh  gach  suidh- 
eachadh,  agus  co-fhaireachdainn  braithreil 
a  bhi  aige  ruinn  ann  ar  n-uile  anmhuin- 
neachdan  ann  ar  n-oidhirpean  a  bhi  'g  a 
leantuinn. 

Ach  a  rithisd,  bha  aobhar  air  son  fulang- 
asan Chriosd  a  thaobh  dhaoine.  'S  ann  o 
f hulangasan  Chriosd  tha  cumhachd  ath- 
leasachaidh  a'  sruthadh  a  maeh  a  chum 
saoghal  caillte  agus  a  chum  tarruing  pheacach 
sheachranach'gu  Dia.  'S  e  a'^bhuaidh  a  tha 
tighinii  a  mach  o  Chriosd  Chalbhari  an  aon 
chumhachd    a     tha     comasach    naimhdeas 


SOITHEACH  TAGHTA— UILLEAM  MAC  COIKNICH 


cridhe  an  duine  an  aghaidh  Dhe  a  chlaoidh 
agus  a  chur  as,  agus  am  peacach  a  tharruing 
ann  an  aithreachas  gu  casan  Athar  neamh- 
aidh.  "  Amhaircidh  iad  air-san  a  lot  iad, 
agus  ni  iad  caoidh  air  a  shon,  mar  a  chaoidh- 
eas  duine  air  son  aoin  mhic ;  agus  bithidh 
an  doilgheas  air  a  shon  mar  dhoilgheas  air 
son  ceud-ghin." 

Buaidh  air  a'  bh^is. 

(2)  Anns  an  dara  b-aite,  leag  Pol  cudthrom 
air  a'  pbuinc  so :  An  Criosd  a  shearmonaicb 
esan,  gur  h-e  Criosd  e  a  thug  buaidh  air  a' 
bhas.  Cha  ghlac  d'inntinn  cudthrom  na 
firinn  so  gus  an  tuig  thu  gu'm  bheil  coitch- 
ionntas  a'  bhais  'n  a  chomharradh  cinnteach 
air  coitchionntas  a'  pheacaidh  agus  an 
mhallachd  a  tha  a'  leantuinn  peacaidh.  'S 
e  tha  arms  a'  bhas,  anns  a  h-uile  cruth 
dheth,  fianuis  agus  toradh  a'  pheacaidh. 
Ach  is  e  Criosd  agus  esan  air  eirigh  o  na 
mairbh  an  fhianiiis  bheo  gu'n  deach  buaidh 
a  thoirt  air  a'  bhas,  gu'm  bheil  cumhachd 
na's  treise  na'm  bas  anns  an  t-saoghal,  agus 
gu'm  bheil  run  air  Dia  a  bhi  riaghladh  'n  a 
shaoghal  fein.  Tha  an  t-ainm  so,  is  e  an 
soisgeul  air  son  saoghal  caillte,  a'  giulan  ann 
gu'm  bheil  an  cumhachd  air  a  thoirt  o'n 
pheacadh  agus  o'n  bhas,  agus  gu'm  bheil 
gras  agus  gloir  gu  saor  air  an  tairgse  do 
dhaoine.  "  Beannaichte  gu  robh  Dia,"  ars 
an  t-abstol  Peadar,  "  a  dh'ath-ghin  sinne  gu 
beo-dhochas,  tre  aiseirigh  Chrio^d  o  na 
mairbh." 

Solus  do  na  Cinnich. 

(3)  Anns  an  treas  aite,  leag  Pol  cudthrom 
air  an  so :   An  Criosd  a  tha  esan  a'  searmon- 


achadh,  gu'm  foillseachadh  e  solus  do'n 
phobull  agus  do  na  Cinnich.  Ciod  a  tha  e 
a'  ciallachadh  le  so  ?  Tha  solus  'n  a  shamh- 
ladh  air  eolas,  air  glainaid  na  naomhachd, 
agus  air  gloir.  Tha  na  nithean  sin  air  an 
tairgse  do  dhaoine  ann  an  ainm  losa  Criosd : 
eolas  spioradal  is  e  a'  bheatha  mhaireannach ; 
naomhachd  as  aonais  nach  fhaic  neach  air 
bith  Dia,  agus  gloir  shiorruidh  ann  an  tigh 
an  Athar;  tha  na  nithean  so  uile  ann  an 
tairgse  dhaoine  ann  an  ainm  losa  Criosd. 

A  nis,  b'e  an  t-seirbhis  air  son  na  thagh 
an  Tighearna  Pol,  gu'n  giulanadh  e  ainm 
an  t-Slanuigheir  so  am  fianuis  nan  Cinneach, 
agus  righrean,  agus  chloinn  Israel.  Cha 
deach  duine  riamh  a  thaghadh  gu  seirbhis 
na  b'airde.  Agus  ged  tha  gach  fior-sheirbhis- 
each  Chriosd  a'  faighinn  a  mach  air  a  chosd, 
mar  a  fhuair  Pol  a  mach  air  a  chosd  fein, 
gu'm  bheil  an  t-seirbhis  air  a  companachadh 
le  fulangasan,  gidheadh,  chan  'eil  aon  fhior- 
sheirbhiseach  aig  Criosd  a  dh'iarradh  air  a 
Mhaighstir  na  briathran  a  tharruing  air  an 
ais  :  "  Nochdaidh  mise  dha  cia  mor  na  nithean 
as  eigin  da  f  hulang  air  sgath  m'ainme-sa  " ; 
'se  bu  roghnaiche  leis  ionnsachadh  o  fhein- 
fhiosrachadh,  mar  a  dh'ionnsaich  Pol  air  a 
shon  fein,  nach  'eil  ar  n-amhghar  aotrom, 
nach  'eil  ach  re  seallain,  ach  ag  oibreachadh 
dhuinn  trom-chudthrom  gloire  a  tha  na's  ro 
anabarraiche  agus  sior-mhaireannach ;  air 
dhuinn  a  bhi  ag  amharc  chan  ann  air  na 
nithean  a  tha  ri'm  faicinn,  ach  air  na  nithean 
nach  'eil  ri'm  faicinn;  oir  tha  na  nithean  a 
chithear  aimsireil ;  ach  tha  na  nithean  nach 
fhaicear  siorruidh. 


Uilleam  Mac  Coinnich 

Leis  an  JJrramach  Iain  Mac-a-Phearsain,  M.A.,  Tigh-an-UilU 


BHA  latha  mor  againn  air  a'  cheathramh  la 
deug  de'n  Fhaoilleach  ann  an  Sgir  Mhucarna 
oir  bha  Uilleam  Mac  Coinnich,  fear  de  na 
h-eildearan,  ceud  bliadhna  dh'aois  air  an 
latha  sin. 

Rugadh  e  an  Sgir  Tharaghlain  an  1842,  a' 
bhliadhna  mu'n  do  dhealaich  na  h-eaglaisean. 
Chunnaic  e  fad  iomadh  bliadhna  stri,  fuath, 
is  gamhlas  eadar  eairdean  is  coimhearsnaich, 
ach  tha  e  toilichte  gu'n  do  chaomhain  Dia  e 
gus  am  fac  e  an  teaghlach  a  blia  roinnte 
eomhla  is  iad  a'  deanamh  aoraidh  do  Dhia 
mar  bhraithrean  an  aon  kite  mar  bu  nos. 


Nuair  bha  Uilleam  'n  a  ghille  6g  bha  e 
anabarrach  gaolach  air  ceol  is  bhiodh  e  dol 
air  cheilidh  air  seann  f  hidhleir  a  bha  fuireach 
dliith  air  laimh,  a  bhiodh  ag  ionnsachadh 
cluich  na  fidhle  dha.  Ri  tiine  thainig 
Uilleam  gu  bhi  'n  a  fhidhleir  cho  math  's 
a  bha  's  an  aite. 

Chaidh  Uilleam  a  dh'fhaicinn  oide-ciiiil 
nuair  bha  e  air  leabaidh  a  bhais,  agus 
dh'iarr  an  seann  duine  air  port  a  chur  air 
an  fhidhill  dha,  rud  a  rinn  Uilleam  gu 
toileach.  Dh'eirich  «n  seann  laoch  'n  a 
shuidhe  's  an  leabaidh  agus  shin  e  a  mach 


IJILLEAM  MAC  COINNICH 


lamh.  sheargta  chaol,  ag  radh  "  Feuch  dhomh. 
i  aon  uair  eile."  Shin  Uilleam  dha  i,  is  chuir 
e  port  oirre  cho  breagha  's  a  chual  Uilleam 
riamh.  B'e  sin  am  port  mu  dheireadh  a 
chluich  am  fidhleir  air  an  taobh  so  de'n 
uaigh.   Ach  dh'fh^g  e  gille  math  'n  a  dheidh. 

G^imealaireachd  is  cedl. 

Nuair  bha  Uilleam  fathast  'n  a  dhuine  6g 
dh'fhag  e  sgir  a  bhreith  is  ^raich,  is  chuir  e 
aghaidh  air  baile-mor  Inbhir  Nis,  far  an 
d'fhuair  e  obair  'n  a  ghairneilear  aig  Caisteal 
Nis.  An  sin  phos  e,  is  fhuair  iad  sianar  de 
theaghlach,  ceathrar  nighean  is  dithis  mhac. 

Dh'fhag  e  Inbhir-Nis  is  rinn  e  an  sin  air 
Earra-Ghaidheal,  far  an  d'fhuair  e  obair  'n 
a  ghairneilear  aig  larla  Bhraghaid  Albann, 
an  Caisteal  Ard-Mhadaidh,  far  an  d'fhuirich 
e  beagan  bhliadhnachan.  An  deidh  sin 
thainig  e  bu  Tigh-mor-Bhun-atha  air  oigh- 
reachd  Loch-nan-Eala,  far  an  do  chuir  e 
seachad  l^ithean  cho  sona  's  a  bha  aige 
riamh.  Bha  meas  mor  air  anns  an  sgir  oir 
bha  e  'n  a  fhidhleir  barraichte,  agus  cha 
robh  cuirm-chitiil  no  dannsa  a  bhiodh  's  an 
aite  nach  biodh  "  Mac  Coinnich  Mor  "  an 
sin  a'  cluich  na  fidhle. 

Nuair  thainig  e  do'n  sgir  bha  an  t-Urramach 
Domhnull  Mac  Caog  nach  maireann  'n  a 
mhinistear,  agus  rinn  e  eildeir  is  "  Precentor  " 
de  Uilleam  Mac  Coinnich.  Tha  seann  daoine 
's  an  sgir  fathast  a  thogas  fianuis  gu'n  robh 
e  sonraichte  math  air  seinn,  is  fuinn  gu  leor 
aige.  Nuair  thainig  an  teaghlach  gu  ire  bha 
iad  'n  an  cuideachadh  mor  do'n  athair  a' 
togail  an  fhuinn  Di-domhnaich. 

A'  Bheurla  a'  tolladh  a  steach. 

Bha  na  seirbhisean  uile  aig  an  am  sin  an 
Gaidhlig  is  bhiodh  moran  a'  tighinn  do'n 
eisdeachd  oir  gheibhte  rudan  neonach  an 
teagasg  Mhic  Caog  nach  faighte  idir  aig 
ministearan  eile.  Bha  Uilleam  'n  a  "  Phre- 
centor  "  cho  fhad  's  bu  bheo  Mghr  Mac  Caog 
agus  uine  mhor  an  deidh  do  Mghr  Mac  Calum 
tighinn  'n  a  aite. 

Ri  iiine  fhuair  a'  Bheurla  buaidh  air  a' 
Ghaidhlig  is  b'eudar  organ  a  chur  's  an 
eaglais.  Ged  nach  robh  feum  air  Uilleam 
tuille  mar  "  Phrecentor  "  bha  feum  gu  leor 
air  mar  eildear.  Bha  e  dileas  an  ceann  a 
ghnothuich  is  fritheilteach  air  meadhonan 
nan  gras.  Ged  tha  e  a  nis  air  iks  aosda  fann 
tha  uidh  mhor  aige  fathast  ann  an  obair  na 
h-eaglais.  Is  math  an  comharradh  sin.  Mar 
tha  an  Fhirinn  ag  radh,  "  Is  coron  gloire  an 
ceann  liath  a  gheibhear  ann  an  slighe  an 
ionracais." 


Dh'eug  a  bhean  bho  chionn  ^ireamh  mh6r 
bhliadhnachan,  agus  chaill  e  ceathrar  de'n 
teaghlach  an  deidh  dhaibh  fas  suas.  Thug 
fear  de  na  gillean  a  mach  M.A.  ann  an 
Oilthigh  Ghlaschu,  agus  bha  e  '  'n  a 
Mhaighstir-Sgoile  mu  thuath  nuair  fhuair 
e  galair  a  bhais.  Sin  buille  cho  goirt  's  a 
fhuair  Uilleam  riamh,  ach  cha  do  chaill  e 
a  mhisneach  no  a  chreideamh  oir  tha  dochas 
aige  gu'n  coinnich  iad  air  an  taobh  thall. 

Tha  dithis  de  na  h-igheanan  air  am  fagail 
fhathast,  te  dhiubh  posda  an  New  Zealand, 
agus  an  te  eile  a'  cumail  tighe  le  h-athair 
's  a'  toirt  a  h-uile  h-aire  air  'n  a  sheann  aois. 

Cuimhneachan.graidh. 

Tha  e  a  nis  mu  thri  fichead  bliadhna  'n 
a  eildear  ann  an  eaglais  Mhucarna  agus 
smuainich  an  Seisean  gu'm  biodh  e  iom- 
chuidh  cuimhneachan  graidh  air  choir-eigin 
a  thoirt  dha  o'n  eaglais  nuair  ruigeadh  e 
an  ceud.  Fhuair  iad  cathair  riomhach 
shocrach  anns  am  faod  e  anail  a  leigeil  nuair 
bhios  e  sgith,  agus  chaidh  iad  leatha  'n  am 
buidheann  a  dh'ionnsuidh  an  tighe  aige  air 
a'  cheathramh  latha  deug. 

Nuair  rainig  iad  bha  an  tigh  Ian  chun  an 
doruis  le  islean  is  uaislean.  Bha  am  bord 
ctiirnichte,  's  e  fein  gu  sunndach  'n  a  cheann. 
Bha  bonnach  mor  mills  air  a  bheulaibh  air 
an  robh  ceud  coinneal.  Nuair  shuidh  gach 
neach  mu'n  bhord  chuir  mo  laochan  an 
sgian  's  a  bhonnach  mhor,  agus  riaraich  e 
air  a  chuideachd  e. 

Labhair  ministear  na  sgire  an  ainm  na 
cuideachd ;  thuirt  e  gu  robh  iad  uile  taingeil 
toilichte  air  son  an  sineadh  laithean  a  fhuair 
an  caraid,  agus  gu'n  robh  iad  an  dochas  gu'm 
biodh  e  air  a  chaomhnadh  'n  am  measg 
ibmadh  bliadhna  fathast.  An  sin  chuireadh 
e  'n  a  shuidhe  's  a'  chathair  a  thug  an 
Seisean  dha. 

Fhuair  e  grad-f  hiosan  gu  leoir,  aon  dhiubh 
bho'n  Righ  agus  bho'n  Bhan-righ,  a'  cur 
meal-an-naidheachd  d'a  ionnsuidh,  agus  bho 
iomadh  neach  a  bh^rr  orra. 

Thadhaill  am  Maidsear  Donnchadh  Mac 
Calum,  ball-Parlamaid  Earra-Ghaidheal,  agus 
a  bhean  air.  Chan  ann  a  h-uile  latha  a  bhios 
Mod  aig  Mac  Coinnich  ! 

Nuair  ghabh  a'  chuideachd  uile  greim  rinn 
an  laoch  ni  a  chuir  aoibhneas  air  gach  cridhe ; 
dh'eirich  e  air  a  shocair  fein  is  thug  e  nuas 
an  fhiodhall  a  bha  crochta  air  a'  bha  11a,  is 
chluich  e  dhuinn  "  Calum  Criibach."  Nuair 
dh'eirich  sinn  uile  gu  falbh  thug  e  dhuinn 
a  bheannachd  aig  an  dorus. 


Sgeul  tir  agus  Sgeul  shean 

Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsain,  M.A.,  Tigh-an-uillt 

[Smuaintean  mu  Shenacherib  agus  mu  Babsaceh,  Goebbels  an  latha  an  d4,  air  an 
sUidheachadh  air  II  Righ,  18.) 


NUAIR  leughas  tu  na  nithean  a  tha  air  an 
cur  sios  arms  a'  chaibideil  so  saotlidh  tu  nach 
ann  bho  chionn  nan  ceudan  bliadhna  thachair 
iad  idir  ach  beagan  bhliadhnachan  air  ais 
nuair  bha  Maighstir  Neville  Chamberlain, 
am  priomh  Mhinisteir  againn  aig  an  am  sin, 
a'  feuchainn  ri  Hitler  a  cheannach  is  cordadh 
a  dheanamh  ris  air  eagal  gu'n  rachadh  e  a 
chogadh,  agus  gu'n  cuireadh  e  an  saoghal 
troimh-cheile.  Thug  Heseciah  righ  ludah 
airgiod  is  or  gu  leor  do  Shenacherib,  agus  e  's 
an  Ian  bheachd  gu'n  sasaicheadh  sin  e,  ach 
cha  do  shasaich.  An  iiine  ghoirid  ghluais  e 
an  aghaidh  ludah  le  feachd  mor  agus 
Rabsaceh  maille  riu. 

Bidh  daoine  a'  smuaineachadh  gur  e 
Goebbels  a'  cheud  fhear  a  thoisich  ri  eagal 
a  chur  air  daoine  le  bagraidhean  is  breugan, 
ach  nuair  leughas  tu  a'  chaibideil  so  chi 
thu  nach  e  ni  iir  tha  so  idir ;  bha  Rabsaceh 
— Goebbels  an  latha  de — ^ris  a'  cheart  chleas 
bho  chionn  nan  ceudan  bliadhna  air  ais. 

Chuir  Senacherib,  righ  Asiria,  baile 
an  deidh  baile,  is  rloghachd  an  deidh 
rioghachd  fo  a  chasan,  is  shaltair  e  gu  trom 
orra.  An  sin  chuir  e  aghaidh  air  ludah. 
Nuair  dhruid  e  fein  's  a  shluagh  ri  ballachan 
lerusaleim  thoisich  Rabsaceh  air  maoidh- 
eadh  agus  air  glaodhach  ris  an  t-sluagh  air 
a'  bhalla  'n  an  cainnt  fein,  ag  innseadh' 
dhaibh  mar  dheanadh  feachd  Asiria  orra 
mur  geilleadh  iad  an  larach  nam  bonn.  . 

"  Seallaibh,"  ars  esan,  "  air  a'  bhaile  ud 
agus  air  a'  bhaile  ud  eile,  leag  mi  iad  ris  an 
l^r,  is  cha  robh  iad  comasach  air  seasamh 
am  aghaidh."  Thuirt  e  ri  Heseciah,  "An 
ann  air  an  Eiphit  tha  thu  a'  leigeil  do  thaic ; 
chan  'eil  an  sin  ach  cuilc  bhriste  ?  An  ann 
an  Dia  tha  do  dhochas  ?  Cha  do  shabhail 
an  diathan  na  daoine  eile  air  an  do  shaltair , 
mise." 

Cha  robh  righ  roimhe  ann  an  ludah  cho 
math  ri  Heseciah.  Bha  e  ciallach  ciuin  'n 
a  dhoigh,  agus  an  aite  bhi  an  geall  air 
cogadh  an  aghaidh  rioghachdan  eile,  no 
bhi  a'  gabhail  tlachd  an  doirteadh  fala,  's 
ann  dh'fheuch  e  ri  eagal  an  Tighearn  a 
chur  'n  an  cridheachan. 


Lamh  laidir  an  Tigheama. 

Nuair  chunnaic  Senacherib  nach  geilleadh 
Heseciah  's  a  shluagh,  a  dh'aindheoin  breugan 
Rabsaceh,  chuir  e  feachd  m6r  fo  Ian  uidheam- 
cogaidh  timchioll  air  ballachan  lerusaleim,  is 
bha  duil  aige  co  dhiubh  gu'n  tugadh  an  t-arm 
no  an  t-acras  orra  geilleadh. 

Nuair  ghabh  Heseciah  beachd  air  a'  chilis 
chunnaic  e  nach  b'urrainn  dhasan  an  corr  a 
dheanamh.  An  sin  chaidh  e  do'n  teampull  is 
thilg  se  e  fein  air  gairdean  treun  lehobhah, 
is  ghuidh  e  gu  durachdach  air  son  cuideach- 
aidh,  's  gu'n  deanadh  e  comhnadh  air  gu 
luath. 

Air  an  oidhche  sin  fein,  bhuail  Dia  feachd- 
an  righ  Asiria,  is  bha  iad  marbh  'n  am 
miltean  timchioll  air  a'  bhalla,  's  a  chuid 
nach  do  thuit  dhiubh,  theich  iad  is  rinn  iad 
air  an  tigh  cho  luath  's  a  leigeadh  an  casan 
leo,  mar  gu'm  biodh  namhaid  oillteil  air  an 
toir. 

Chunnaic  righ  Asiria  an  ni  a  chunnaic 
iomadh  fear  'n  a  dheidh,  nach  urrainn  duine 
an  gnothuch  a  dheanamh  air  Dia.  Bidh 
am  facal  mu  dheireadh  agus  a'  bhuille  mu 
dheireadh  aige-san.  Fhuair  cuideachd  an 
iirnuigh  dhiirachdach  aig  Heseciah  eisdeachd. 

Is  docha  gu'n  abair  cuideigin  a  leughas 
an  eachdraidh  so,  "  chan  'eil  an  sin  ach 
seann  sgeul  timchioll  air  dithis  a  bha  bed 
bho  chian  nan  cian  air  ais.  Gu  de  an  gnothuch 
a  tha  aig  an  sgeul  sin  ri  mo  bheatha-sa  agus 
ri  do  bheatha-sa  ?  "  Tha  so ;  tha  Senacherib 
eile  an  diugh  a'  cuartachadh  beatha  gach 
aoin  againn. 

I.  Senacherib  na  trioblaid. 

'S  e  trioblaid  aon  de  na  h-ainmean  aig 
Senacherib. 

Bidh  daoine  air  iiairean  a'  smuaineachadh 
gu'm  biodh  iad  fein  moran  na  b'fhearr,  's 
gu'm  biodh  iad  saor  bho  thrioblaid  na'n  robh 
iad  ann  an  aite  air  chor-eigin  eile.  Bidh  iad 
a'  guidhe  maille  ris  an  t-Salamadair  air  son 
sgiathan  a'  cholmain  a  chum  gu'n  siubhladh 
iad  air  falbh  gu  aite  fad  as,  far  am  faigheadh 
iad  sith  is  fois  bho'n  trioblaidean  gu  leir. 


6 


SGEUL  UR  AGUS  SGEUL  SHEAN 


Cha  ruig  thu  a  leas  farmad  a  ghabhail  ri 
neach  fo'n  ghrein  ge  b'e  air  bith  cho  math^ 
's  a  bhios  a  shuidheachadh  'n  a  do  shuilean- 
sa.  Tha  a  thrioblaidean  fein  is  uallach  fein 
aig  gach  neach.  Agus  ged  rachadh  tu-sa  do 
aite  air  choireigin  eile  bhiodh  rudeigin  an 
sin  cuideachd  a  chuireadh  dragh  ort,  mar 
tha  an  seanfhacal  ag  radh  "tha  smtiidean 
fein  as  cionn  gach  foid." 

Thachair  dithis  fhear  aon  latha  air  a 
cheile  is  thoisich  iad  air  leigeil  an  inntinn 
ri  cheile.  Thuirt  a'  cheud  fhear,  "  Phos  mise 
bean  is  bha  mi  a'  smuaineachadh  gur  e 
aingeal  air  thalamh  a  bha  mi  a'  faotainn, 
ach  an  nine  ghoirid  fhuair  mi  a  mach  nach 
robh  agam  ach  eisg." 

"  Mata,"  ars  an  darna  fear  a  bha  an 
droch  shlainte,  "  na'n  rachadh  agam-sa  air 
iomlaid  a  dheanamh  riut  ghabhainn-sa  an 
eisg  mnatha  agad-sa  gu  toileach  ach  mo 
shlainte  a  bhi  agam." 

"  An  cual  thu,"  ars  a'  cheud  fhear,  "  an 
seanfhacal  ?  "  ceannsaichidh  a  h-uile  fear  an 
droch  bhean  ach  am  fear  aig  am  bi  i." 

Chan  'eil  beatha  air  bith  saor  bho  thriob- 
laid.  C'aite  am  faigh  sinn  fuasgladh  bho 
ar  trioblaidean  ?  Chan  fhaigh  sinn  e  gu 
brath  cho  fhad  's  a  bhios  sinn  ag  earbsa 
asainn  fein.  Feumaidh  sinn  ar  taic  a  leigeil 
air  gairdean  as  laidire  na  ar  gairdean 
feolmhor  fein. 

Bu  mhor  agus  bu  mhaith  an  duine  an 
t-abstol  P61  ach  cha  robh  e  saor  bho  thriob- 
laid ;  bha  sgolb  'n  a  f  heoil.  Nuair 
gbuidh  e  air  Dia  a  thoirt  air  falbh  's  e  am 
freagradh  a  fhuair  e,  "is  leor  mo  ghr4s-sa 
air  do  shon." 

Feumaidh  sinn  uile  cobhair  fhaotainn  far 
an  d'fhuair  Heseciah  agus  iomadh  fear  eile 
i  bho'n  latha  sin. 

II.  Senacherib  a'  Bhuairidh. 

Sin  agad  Senacherib  eile  tha  cuartachadh 
beatha  gach  aoin  againn.  Tha  fhios  aig  a 
h-uile  neach  a  leughas  na  briathran  so  de 
tha  ann  am  buaireadh.  'N  am  buairidhean 
tha  daoine  eadar-dhealaichte  bho  cheile,  ach 
tha  a  bhuaireadh  fein  aig  gach  neach.  An 
ni  tha  'n  a  bhuaireadh  dhomh-sa,  faodaidh 
nach  'eil  buaireadh  air  bith  ann  do  mo 
choimhearsnach . 

Bha  mi  a'  leughadh  bho  chionn  ghoirid 
timchioll  air  boireannach  beartach  aig  an 
robh  seirbhiseach  math  dileas,  ach  gu  mi- 
fhortanach  fhuair  e  bias  air  an  deoch  is 
thromaich  e  oirre  gu  mor.  Bha  eagal  oirre 
gu'm  feumadh  i  a  .chead  a  thoirt  dha,  ach 


smuainich'i,  mu'n  gabhadh  i  ceum  air  bith, 
gu'n  cuireadh  i  an  toiseach  a  comhairle  ri 
neach  na  bu  ghlice  na  i  fein. 

Uime  sin,  chuir  i  fios  air  ministear  ainmeil 
a  bha  astar  beag  air  falbh  feuch  am  bruidh- 
neadh  e  ris  an  t-seirbhiseach,  ni  nach  robh 
idir  furasda  a  dheanamh. 

Anmoch  an  oidhche  sin  fein  chuir  am 
boireannach  an  seirbhiseach  air  falbh  dhach- 
aidh  leis  a'  mhinistear  ann  an  carbad-da-eich. 

Shuidh  am  ministear  ri  thaobh  is  thoisich 
iad  ri  bruidhinn  a  null  's  a  nail  gus  an 
d'thainig  iad  gu  aite  cas  cunnartach. 

"  Ms,"  ars  am  ministear,  "na'n  teicheadh 
na  h-eich  an  ceart-uair  sios  leis  a'  bhruthach 
so  agus  nach  rachadh  agad-sa  air  an  ceanns- 
achadh  gu  de  dheanadh  tu  ?  " 

"  Cha  b'urrainn  dhomh-sa  ni  a  dheanamh," 
ars  esan. 

"  Ach,"  ars  am  ministear,  "  na'm  biodh 
fear  ri  do  thaobh  na  bu  laidire  na  thu  fein 
aig  an  rachadh  air  an  ceannsachadh  ciod  a 
dheanadh  tu  an  sin  ?  " 

"  Bheirinn  an  t-srian  'n  a  laimh,"  ars  an 
seirbhiseach. 

"  Mata,"  ars  am  ministear,  "  tha  eich 
f  hiadhaich  d'an  ainm  anamiannaibh  na  beatha , 
a'  ruith  sios  bruthach  cas  le  do  bheatha-sa, 
agus  tha  iad  a'  bagairt  do  bheatha  a  mhilleadh  . 
gu  tur.  Ach  cuimhnich  so,  tha  aon  ri  do 
thaobh  aig  a  bheil  gairdean  treun,  is  theid 
aige-san  air  an  ceannsachadh,  agus  air  do 
chumail  ceart.     De  ni  thu  ?  " 

"  Cha  chreid  mi,"  ars  esan,  "  nach  toir  mi 
an  t-sr'ian  'n  a  laimh." 

Bho'n  uair  sin  a  mach  chaill  Senacherib  a' 
bhuairidh  a  chumhachd.  Tha  an  neach  sin 
mata  ri  mo  thaobh-sa  agus  ri  do  thaobh-sa 
air  slighe  na  beatha,  agus  ma  dh 'ear has  sinn 
sirm  fein  ris  theid  aige-san  air  an  ruaig  a 
chur  air  Senacherib  a'  bhuairidh. 

III.  Senacherib  a'  Pheacaidh. 

Tha  iomadh  neach  ann  a  tha  a'  smuain- 
eachadh gu'n  teid  aige  air  geilleadh  do'n 
pheacadh  agus  an  sin  pilleadh  air  ais  far  an 
robh  e  roimhe.  Ach  cha  teid.  Tha  am 
peacadh  a'  cuartachadh  beatha  gach  aoin- 
agus  mur  faigh  sinn  cuideachadh  bho  aon 
as  laidire  na  sinn  fein  theid  sinn  fodha. 

Ach  tha  deagh  sgeul  an  t-Soisgeil  ag 
innseadh  dhuinn  gu  bheil  aon  ann  a  tha 
comasach  air  cumhachd  a'  pheacaidh  a 
bhriseadh. 

Nach  iomadh  aon  a  thainig  'g  a  ionnsuidh 
is  duil  aca  nach  robh  dochas  ann  dhaibh, 


SGEUL  UR  AGUS  SGEUL  SHEAN— AIG  AN  UINNEIG 


oir  bha  cuibkrichean  a'  pheacaidh  cho  liidir 
mu'n  cuairt  orra,  ach  an  uair  a  labhair  esan 
riu  las  an  aghaidhean  suas  le  aoibhneas,  is 
bha  iad  sona  nuair  rinn  e  aithnichte  dhaibh 
gu'm  briseadh  esan  cumhachd  Senacherib  a' 
pheacaidh.  Chuala  gach  aon  aca  e  ag  radh 
riu   "  imich  romhad  agus  na  peacaich  ni's 


IV.  Senacherib  a'  bhais. 

Ann  an  l^ithean  dorcha  an  t-seann  Tiomn- 
aidh  cha  robh  moran  dochais  aig  daoine  gu'm 
faigheadh  iad  buaidh  thairis  air  Senacherib 
a'  bhais  ach  nuair  a  thainig  Criosd  a  dh'  ionns- 
uidh  an  t-saoghail  thug  e  beatha  is  neo- 
bhasmhorachd  a  chum  soluis. 

lomadh  uair  rinn  e  aithnichte  do  na 
deisciobuil  agus  do  fheadhainn-  eile  gu'n 
eireadh  e  a  ris,  ach  air  an  oidhiche  mu 
dheireadh  labhair  e  riu  gu  soilleir  anns  an 
t-seomar  uachdrach  is  thuirt  e,  "  Na  biodh 
bhur  cridhe  fo  thrioblaid  tha  sibh  a'  creidsinn 
ann  an  Dia,  creidibh  annam-sa  mar  an 
ceudna.  Ann  an  tigh  m'athar-sa  tha  iomadh 
4ite  comhnuidh;  mur  biodh  e  mar  sin 
dh'innsinn-sa  dhuibh.  Tha  mi  dol  a  dh'uU- 
achadh  aite  dhuibh,  agus  ma  theid  mi  agus 


gu'n  uUaich  mi  ^ite  dhuibh  thig  mi  a  ris 
agus  gabhaidh  mi  sibh.  am  ionnsuidh  fein 
chum  far  am  bheil  mise  gu'm  bi  sibh-se 
mar  an  ceudna." 

Nuair  chunnaic  a  naimhdean  crochta  air 
crann-ceusaidh  Chalbhari  e,  agus  a  thug  e 
suas  an  deo  shaoil  iad  gu'n  robh  a'  bhuaidh 
aig  Senacherib  a'  bhais,  ach  air  an  treas 
latha  nuair  rainig  na  mnathan  an  uaigh  far 
an  do  chaireadh  e  bha  i  falamh.  Thuirt  an 
t-ainge^l  riu,  "  chan  'eil  e  an  so  oir  dh'eirich 
e,  faicibh  an  t-aite  's  an  robh  e  'n  a  laighe." 

Nuair  bha  duil  aig  Senacherib  a'  bhais 
gu'n  robh  an  latha  leis  chaill  e  a  chumhachd 
thairis  air  Criosd. 

Tha  dearbh  chinnt  againn  gu'n  do  chuir 
e  an  ruaig  air  Senacherib  a'  bhais  agus 
gu'm  bheil  e  beo  a  nis  agus  gu  siorruidh 
aig  deas  laimh  an  Athar. 

A  chionn  gu'n  d'fhuair  esan  a'  bhuaidh 
tha  beo  dhochas  againne  mar  an  ceudna 
gu'm  faigh  sinn  a'  bhuaidh  trid-san  thairis 
air  Senacherib  a'  bhais. 

0  uaigh  c'^ite  bheil  do  bhuaidh 
0  bhais  c'aite  bheil  do  ghath  ? 


Aig  an  Uinneig 


Obair  as  fhiach  a  cuideaehadh. 

Theagamh  gu  bheil  fhios  aig  cuid  de 
luchd-leughaidh  nan  duilleagan  so  gu  bheil 
Eaglais  na  h-Alba  agus  an  Eaglais  Shaor  an 
drasd  agus  a  ris  a'  cur  leabhraichean  beaga 
an  Gaidhlig  a  dh'ionnsuidh  nan  gillean 
Gaidhealach  a  tha  air  falbh  o'n  dachaidhean, 
a'  dion  ar  duthcha  air  muir  agus  air  tir  agus 
anns  an  adhar.  Tha  na  h-eaglaisean  'g  a 
dheanamh  so  a  chionn  gu  bheil  fhios  aca  gu 
bheil  e  'n  a  thoileachadh  mor  do  na  gillean 
rudeiginn  f  haotainn  ri  leughadh  'n  an  cainnt 
fhein,  agus  tha  na  leabhraichean  a  thatar 
a'  cur  chuca  air  an  taghadh  gu  curamach, 
an  dochas  gu'n  dean  iad  feum  d'an  inntinn' 
agus  d'an  anam. 

Ach  chan  urrainnear  obair  de'n  t-seorsa  so 
a  dheanamh  gun  chosdus,  agus  ma  tha 
neach  air  bith  leis  am  bu  mhaith  lamh  a 
bhi  aige  no  aice  anns  an  obair  choibhneil 
agus  f  heumail  so,  chan  'eil  aca  ach  an  tabh- 
artas  a  chur  gu  Ruairidh  MacLeoid,  D.D., 
121  Sraid  Sheorais,  an  Dun-eideann,  agus 
aidichidh  esan  an  comhnadh,  co  dhiubh  tha 
e  mor  no  beag. 


L^intean  farsuing. 

AM  measg  nan  sean-fhacal  a  bha  aig  muinntir 
na  Gaidhealtachchd  bha  am  fear  so  aca, 
"  Leintean  farsuing  do  7ia  leanaban  dga."  Tha 
feum  aig  an  oigridh  air  aodach  farsuing  a 
chionn  gn  bheil  iad  a'  fas. 

Tha  am  facal  so  glic  ann  an  doigh  eile  a 
thuilleadh  air  farsuingeachd  a  chur  ann  an 
leintean  agus  ann  an  aodach-cuirp.  Tha 
inntinnean  agus  anamanna  na  h- oigridh  a' 
fas  cho  maith  ri'm  bodhaig,  agus  feumar 
cothrom  a  thoirt  dhaibh  air  f^s  suas  'n  an 
doigh  nadurra  fein.  Ach  gle  thric  tha 
parantan  a'  cumail  na  teadhrach  air  an  cloinn 
cho  teann  's  nach  'eil  saorsa  idir  aca,  no 
cead  an  inntinnean  no  an  reuson  fein  a 
chleachdadh.  Sin  an  t-aobhar  nach  'eil 
companas  idir  eadar  na  parantan  agus  a' 
chlann  ann  an  iomadh  dachaidh,  agus  far 
nach  'eil  companas  eadar  parantan  agus 
clann  chan  'eil  sonas  no  aighear  anns  an 
dachaidh  sin.  Is  maith  an  comharadh  e  air 
gliocas  nam  parantan  ma  ni  an  clann  fein 
companaich  agus  comhairlichean  dhiubh, 
agus  ma  gheibh  iad  bhuapa  taic  na  tuigse 


8 


AIG  AN  UTNTSTEIG 


d'an  inntinnean  oga  seach  a  bhi  ag  iarraidh 
na  taice  sin  o  choigrich.  Ma  tha  parantan 
ciimteach.  gu  bheil  an  clann  a'  gluasad  ann 
an  slighean  ceart  bhiodh.  e  glic  dhaibh  Ian 
shaorsa  a  thoirt  dhaibh  a  thaobh  am 
beachdan  mu'n  Bhiobull  agus  mu'n  eaglais 
agus  mu  gach  ni  eile  a  bhuineas  do  chrabhadh 
no  do  chreideamh.  Cha  toigh  le  daoine  oga 
a  bhi  air  an  ceasnachadh  gun  sgur  m'an 
creud  agus  m'am  paidir,  no  faireachduinean 
maoth  agus  diomhair  an  anama  a  dheanamh 
aithnichte  do  neach  eile.  Mar  sin  is  fhearr 
dhaibh  Dia  iarraidh  'n  an  doigh  fhein  seach 
ann  an  doigh  am  parantan,  oir  is  toigh  le 
Dia  firinn  arms  an  taobh-a-stigh,  agus 
foillsichidh  e  e  fein  dhaibhsan  a  dh'iarras  e 
gu  treibhdhireach.  Na  dean  leintean  na 
h-6igridh,  ma  ta,  cumhann  ach  farsuing. 
Is  maith  an  comharadh  air  fallaineachd  a 
bhi  a'  fas. 

"  Am  mart." 

Ma's  maith  mo  chuimhne  b'e  sin  an  t-ainm 
a  bha  aca  air  Cluich  a  bhithinn  a'  cluinntinn 
an  uair  a  bha  mi  'n  am  bhalach.  Thigeadh 
duine  a  steach,  sheasadh  e  air  an  urlar,  agus 
dh'fhoighnicheadh  fear  eile  dheth, 

Co  as  a  thug  thu  do  choiseachd  ? 
Fhreagradh  an  duine, 

A  mjhonn,  is  m'fhearann,  is  m'fhasach 
fMin 

An  sin  theireadh  am  fear  eile, 

Gu  di  chuir  fonn,  is  fearann,  is  fasach 
agad-sa,  agus  mise  gun  fhonn,  gun 
fhearann,  gun  fhasach  ? 

Fhreagradh  a'  cheud  fhear, 

Mo  chruadhas,  mo  luathas,  mo  laidireachd 
fhein. 

Sin  facail  a  bhios  a'  tighinn  air  ais  gu 
m'inntinn  gle  thric  anns  na  laithean  so,  oir  tha 
da  thrian  de'n  chinneadh-daonna  an  diugh 
a'  cur  na  ceisde  sin  air  an  trian  eile,  mar 
gu'm  biodh  gearan  aca,  Gu  de  chuir  fonn 
agus  fearann  a  bhi  agaibh-se  agus  sinne  gun 
fhonn  gun  fhearann? 

Sin  fior  mhathair-aobhair  a'  chogaidh  a 
tha  dol  air  aghaidh  an  drasd,  daoine  agus 
rioghachdan  a  bhi  mi-thoilichte  rud  a  bhi 
aig  daoine  agus  aig  rioghachdan  eile  nach 
'eil  aca  fhein. 

Anns  an  t-seann  t-saoghal  cha  robh  an 
smuain    no    an    fhaireachduin    so    ann    an 


cridheachan  dhaoine  idir,  no  co  dhiubh  cha 
robh  i  cho  laidir  's  a  tha  i  an  diugh,  ach  tha 
gineal  \xx:  ag  eirigh  suas  a  nis  a  their  riut, 
mar  nach  robh  teagamh  idir  ann,  gu  bheil 
coir  aig  an  duine  nach  'eil  cruaidh  no  luath 
no  laidir  air  fonn  agus  fearann  cho  maith 
ris  na  daoine  aig  a  bheil  e.  Co  a  thug  dhaibh 
a'  choir  sin  no  ciod  an  steidh  air  a  bheil  iad 
'g  a  bunaiteachadh  ? 

Sin  agad,  a  leughadair,  ceist  as  fhiach 
dhuit  cnuasachadh  oirre,  oir  tha  i  air  a 
filleadh  a  steach  anns  gach  ceist  eile  a 
bhuineas  do  riaghladh  na  duthcha. 

A  bheil  e  ceart  gu'm  biodh  maoin  an 
t-saoghail  air  a  roinn  ann  an  doigh  a  chaisg- 
eadh  farmad  an  duine  leisg  ris  an  duine 
luath  ? 

Cho  fada  's  a  bhios  saoghal  ann  bithidh 
cuid  de  dhaoine  luath  agus  laidir  agus 
easgaidh,  agus  cuid  eile  mMrnealach  agus 
leasg  agus  gun  sgoinn,  air  chor  agus 
gu'm  feumadh  tu  roinn  ur  a  dheanamh  a 
h-uile  maduinn  Di-luain. 

Tha  e  ceart  nach  leigeadh  lagh  na  riogh- 
achd  le  luchd-fearainn,  no  le  luchd-airgid, 
no  le  maighstirean,  cothrom  a  ghabhail  air 
an  duine  bhochd  agus  air  luchd-oibre,  no 
foirneart  a  dheanamh  orra,  ach  tha  e  ceart 
cuideachd  nach  leigeadh  lagh  na  rioghachd 
le  farmad  a  chomh-oibriche  toradh  no  duals 
dhligheach  a  luathais  agus  a  chruadhais 
agus  a  laidireachd  fhein  a  chumaU  o  dhuine 
air  bith. 

"  Tha  mise  'n  am  dhuine  cho  maith 
riut-sa,"  ars  aon  duine  ri  duine  eile,  "  ach 
tha  thusa  a'  falbh  ann  an  carbad  riomhach 
agus  mise  air  mo  chasan  a  chionn  nach  robh 
riamh  a  dh'airgiod  agam  na  cheannaicheadh 
car." 

"  Cheannaich  mise  an  car  so,"  ars  am  fear 
eile,  "  leis  na  gloineachan  uisge-bheatha  nach 
d'61  mi  agus  na  cigarettes  nach  do  smog  mi, 
agus  rudan  eile  a  rinn  mi  as  an  eugmhais  an 
uair  a  bhiodh  tusa  comhla  ri  Tomi  Shanter." 

Ou   de    chuir  fonn    is  fearann   is  fasach 

agad-sa, 
Agus  mise  gun  fhonn  gun  fhearann  gun 

fhasach  ? 

Mo  chruadhas,  mo  luathas,  mo  laidireachd 
fein. 

An  abradh  tu  gur  maith  a'  choir  sin  air 
do  chuid? 


Aireamh  4 


1942 


Na  Tri  Croinn 


Leis  an   Urr.   A.   S.   Moireastan,  M.A.,  an  Obar-dheathain. 

"Agus  an  uair  a  thainig  iad  do'n  ciite  d'an  goirear  Calbhari,  an  sin  cheus  iad  efein,  agus 
na  droch  dhaoine,  fear  dhiubh  air  a  laimh  dheis,  agus  am  fear  eile  air  a  laimh  chli.'' 

— Lucas  xxiii.  33. 


AIR  tulach  Chalbhari  air  an  latha  sholuimte 
agus  iomraideach  ud,  sheas  tri  croinn,  a' 
suimeadh  suas  eatorra  eachdraidh  mhodh- 
annail  agus  spioradail  a'  chinne-daonna  gu 
leir.  Anns  a'  mheadhon  bha  crann  glormhor 
buadhach  na  reite,  air  an  do  bhasaich  Criosd 
a  chum  geatachan  na  beatha  maireannaich 
fhosgladh  air  ar  son.  Air  an  dara  taobh  bha 
crann  dorcha  na  h-aingidheachd,  far  an  do 
bhuainich  fear  droch-bheairt  gu  rag-mhuin- 
ealach  'n  a  chruas-cridhe  gus  an  do  dhuin  e 
a  shuilean  anns  an  oidhche  air  nach  tig 
crioch.  Air  an  taobh  eile  bha  crann  beann- 
aichte  an  aithreachais,  far  an  do  ghiulain 
spiorad  ainniseach  ciocrach  a  phiantan 
searbha  gu  ciuin  suilbhir  do  bhrigh  gii'n  do 
thilg  6  e  fein  air  uchd  trocair  Chriosd,  agus 
gu'n  d'atharraicheadh  e  gu  h-obann  o 
bhruaich  ifrinn  gu  stairsneach  na  gloire. 

A  nis  b'e  an  crann  naomh  's  a  mheadhon 
a  chuir  doimhne  co  mor  eadar  na  dha  eile. 
Tha  Criosd  air  a  cheusadh  gu  cinnteach  'n 
a  Bhreitheamh,  a'  deanamh  sgoltadh  agus 
criaradh  air  an  da  ghaduiche,  air  a  leithid 
a  dhoigh  's  gu  bheil  iad  air  an  taisbeanadh 
'n  am  fior  ghne  is  cliu.  Mar  is  e  cumhachd 
an  t-soluis  a  tha  toirt  a  mach  nan  caochladh 
dhathan  's  a'  chruthachadh,  's  e  an  Crann- 
ceusaidh  a  tha  foillseachadh  daimh  is  seasarah 
spioradail  a  h-uile  neach  den  chinne-daonna. 
Mar  sin  air  an  la  mhor  ud  thainig  coimh- 
lionadh  air  an  radh  gu'm  b'e  an  aon  ghrian 
a  thug  abachadh  air  a'  chruithneachd  a 
chum  beatha  agus  air  a"  chogall  a  chum 
bais,  a  dhealraich  ann  an  gnuis  losa  Criosd. 

Chi  sinn  an  triuir  air  na  croinn  anns  an 
t-suidheachadh  anns  am  bheil  iad  'n  am  has 
a  thaobh  peacaidh.  Bhasaich  aon  anns  a' 
pheacadh,  bhasaich  aon  do'n  pheacadh, 
agus  bhasaich  aon  air  soil  a'  pheacaidh. 

(1)  An  toiseach,  bhasaich  aon  anns  a' 
pheacadh.  Dh'  fhan  a'  cheud  fhear  droch- 
bheirt  gun  aithreachas,  gun  iomagain,  gus  a' 
chrich.  Chuir  e  a'  chlach-mhullaich  air  a 
ghniomharan  grainneil  eile  :  reubainn,  goid, 
mort.  le  bhi  a"  deaimmh  fochaid  gu  ladarna 


eadhon  aig  uchd  bais  air  Aon-ghradhach 
Dhe.  Cha  tug  a  pheanas  gheur  taiseachadh 
sam  bith  air  a  chridhe  cruaidh.  Cha  do 
chuir  faguisgeachd  a'  bhais  ball-chrith  no 
soluimteachd  air  a  spiorad.  Cha  robh  eadhon 
an  sealladh  a  fhuair  e  air  caomhalachd  agus 
friidhidinn  an  t-Slanuigheir  ri  thaobh  ni  's 
leor  air  son  an  t-eucorach  iargalta  so  a 
thionndadh  gu  fireantachdg  Agus  mar  sin 
tha  e  a'  dol  as  an  t-sealladh  gu  muladach, 
le  toibheum  agus  ana-gloir  air  a  bhilean, 
agus  lasair  gamhlas  ain-diadhaidh  'n  a 
shuilean  gus  am  bheil  aite  air  a  ghabhail  le 
fiamh  fhuar  reo^lhta  a'  bhais.  Bhasaich  e, 
mar  a  bha  e  beo,  anns  a'  pheacadh. 

Their  cuideigin  "  Nach  eil  sin  freagarrach 
agus  iomchuidh  gu  leor  ?  Nach  e  ni  breun, 
maslach  a  tha  ann  fiiigheall  briste  ar  beatha 
a  thoirt  do  Chriosd  an  deidh  ar  neart  's  ar 
spionnadh  a  chaitheamh  an  truaillidheachd 
's  an  ana-miann  ?  "  Chan  e  idir.  'S  e  an 
cionta  is  mo  sam  bith  gras  tearnaidh  a 
dhitiltadh  gus  a'  chrioch.  "  A  pheacaich," 
arsa  Iain  Bunyan,  "  esan  a  bhasaicheas  a' 
deanamh  tarcuis  air  gradh,  bithidh  e  air  a 
chradh  ni's  mo  le  bhi  cuimhneachadh  air  an 
olc  sin  na  leis  gach  cnuasachadh  a  bhitheas 
aige  air  uile  pheacaidhean  eile." 

"  Ach  chan  'eil  aobhar  idir  air  a  leitliid 
sin  a  dh'  fhiosrachadh  bronach  a  bhi  aig 
peacach  sam  bith.  Tha  an  Tighearn  iochd- 
mhor  trocaireach:  is  mall  fhearg  agus  is 
pailt  a  ghras.  Chan  'eil  tlachd  aige  ann  am 
bas  an  ti  a  bhasaicheas,  agus  's  e  breitheanas 
obair  choimheach.  Is  fhearr  gu  deimhin  a 
bhi  teachd  d'a  ionnsuidh  aig  an  aon  uair  deug 
na  bhi  ceannairceach  dalma  gus  a'  mhionaid 
dheireannach.  Tha  e  ag  radh  mar  ri  shiagh 
o  shean,  "Pillibb,  pillibh,  car  son  a  bhas- 
aicheas  sibh  ?  " 

(2)  A  ris  bhasaich  aon  do'n  pheacadh. 
Dh'iarr  am  fear  droch-bheirt  eile  an  Tighearn 
am  feadh  a  bha  e  ri  fhaotainn:  ghairm  e 
air  am  feadh  a  bha  e  am  fagus.  Dh'aidich 
e  gu  saor  a  chionta  agus  a  dhroch  thoillteanas, 
agus  mar  thoradh  air  sin  cha  robh  fhulangas 


NA  TRI  CROINN 


ni  bu  mho  na  pheanas,  ach  "n  a  chladhan 
beannachaidh  dha  ann  an  lamhan  buadhach 
an  Spioraid  Naoimh.  Os  barr  rinn  e  aidmheil 
air  neo-chiont  agus  fireantaclid  a'  Chuspair 
a  bha  air  a  cheusadh  ri  thaobh ;  dh  'aithnich 
e  gu'm  b'e  so  a  Shlanuighear  's  a  Righ.  Mar 
sin,  an  aite  bhi  taisbeanadh  frionas  agus  a' 
toirt  ana-cainnt  cosmhuil  ris  a'  ghaduiche 
eile,  's  ann  a  rinn  e  urnnigh  ghoirid,  dhruigh- 
teach,  spioradail,  "  A  Thighearn  cuimhnich 
orm  nuair  a  thig  thu  do  d'  rioghachd." 

Bhiodh  a  h-uile  pian  so-iomchair  dlia,  tha 
diadhair  araidh  ag  radh,  na'm  biodh  an 
urnnigh  sin  air  a  freagairt,  agus  na'm  faiceadh 
e  troimh  a'  chjuaidh-chas  lamh  ghradhach  an 
Fhir-Shaoraidh  'g  a  ionn]aid  o  chionta  's  o 
neo-ghloine.  Ghabh  an  Tighearn  ri  aidmheil, 
chual  e  a  ghlaodh  agus  dhoirt  e  air  am  measg 
a  jjhoruinn  eagalach  an  lanachd  graidh, 
truais  is  dochais,  a  tha  air  a  thasgaidh  anns 
na  briathran,  "  An  diugh  bithidh  tu  maille 
rium  am  Parras.'' 

Maith  dh'fhaoidte  gu  robh  an  duine  so  gun 
charaid  gun  chul-taic  's  an  t-saoghal,  ach  bu 
bheag  a  churam ;  bha  sohis  grMh-tearnaidh 
a'  dealrachadh  air  o  ghntiis  Chriosd,  agus  bha 
e  ann  an  sith  iomlan.  'S  e  gnothuch  obann 
a  bha  'n  a  iompachadh.  Mar  a  chanadh  na 
h-aithi'ichean  bha  e  anns  na  tri  rioghachdan, 
rioghachd  a'  pheacaidh,  rioghachd  nan  gras, 
agus  rioghachd  na  gloire,  ann  an  aon  uair 
de  thim. 

Agus  mar  a  bha  e  obaiui  bha  e  coimhlionta. 
'S  minic  a  bheir  an  saoghai  ie  a  chomhluadair 
ni-eigin  de  smal  's  de  sheargadh  air  ceud 
mhaise  aithreachais  agus  creideamh  an  iom- 
pachain.  Ach  cha  d'fhuair  e  an  cothrom  sin 
an  la  ud.  Gu  luath  bhris  an  gaduiche  slige 
anmhunn  a'  bhasmhorachd  agus  dh'itealaich 
a  spiorad  sona  gu  gloir,  gu  bhi  gu  siorruidh 
maille  ris  an  Tighearn. 

Bhasaich  e  do'n  pheacadh.  Tha  am  Biobull 
a'  foillseachadh  gu  soilleir  cho  mor  's  a  tha 
an  dealachadh  a  tha  Dia  a'  deanamh  eadar 
daoine  agus  am  peacaidh^an.  Tha  e  a'  toirt 
samhladh  an  astair  dhuinn.  "  Cho  fad  as 
a  tha  an  aird  an  ear  o'n  aird  an  iar,  cho  fada 
sin  chuir  e  uainn  ar  n-eusaontais."  A  ris  tha 
e  a'  deanamh  dealbh  air  doimhne.  "  Tilgidh 
tu  an  uile  lochdan  an  doimhneachdaibh  na 
fairge." 

Nuair  a  bha  an  diisgadb  mor  "s  a'  Chuimrich 
chualas  seann  duine  le  ciabhan  liath  a'  toirt 
cliu  do  Dhia  air  son  an  atharrachaidh  a 
thainig  air  an  deireadh  a  la ;  "  Tha  sinn  'g 
ad  mholadh,"  ars  esan,  "  air  son  gu'n  do 
thilg  thu  ar  peacaidhean  aii  doimhneachdan 
a'  chuain,  far  nach  bi  comas  air  clach- 
chxiimhneachain  a  chur  suas  orra  gu  brath.", 


Nach  iomlan  an  sgaradh  a  ni  Dia  ?  Chan 
e  mhain  gu  bheil  ar  lochdan  air  am  maitheadh, 
ach  tha  iad  foluichte  gu  siorruidh  ann  an  cuan 
a  dhi-chuimhne. 

Ach  's  e  an  samhladh  as  comharraichte  air 
a  so  a  tha  agaimi  's  an  fhirinn  samhladh  a' 
bhais.  Chan  'eil  ni  am  measg  dhaoine  a  tha 
deanamh  sgaradh  cho  coimhlionta  ris  a' 
bhas.  Agus  a  chum  a  bhi  dearbhadh  dhuinn 
cho  foirfe  agus  cho  buadhach  's  a  tha  obair 
an  tearnaidh,  tha  an  Soisgeul  a'  cur  an  ceill 
gu'm  bheil  sinn  tre  ghras  a'  basachadh  do'n 
pheacadh.  Tha  an  dealachadh  eadar  an 
t-anam  agus  a  lochdan  cho  mor  's  cho 
iomlan  ris  a'  bhas.  An  so  tha  againn  freagradh 
do'n  cheist  a  tha  gu  bitheanta  agus  o  thtis 
a'  cur  anama  seachranach  fo  thrioblaid, 
"  An  urrainn  dhomh  bhi  air  mo  dheanamh 
glan  ?  "  Gu  cinnteach  's  lu'rainn,  cho  glan 
ri  allt  nam  beann  's  ri  gaothan  an  adhair ; 
glan  gu  h-iomlan  ann  an  tobair  fosgailte 
Chalbhari. 

"An  gaduich  bhlais  as  ri  uchd  bais 
'S  rinn  gairdeachas  neo-ghann 
'S  rinn  mise  fds,  cho  dubh  ris  fein 
M'  uir  euceart  iomlaid  ann.'' 

(3)  Fadheoidh,  bhasaich  Aon  air  son  a' 
pheacaidh.  Nach  do  rinn  Criosd  gairdeachas 
eadhon  am  measg  fhulangasan,  nuair  a 
chunnaic  e  anns  a'  ghaduiche  shaoirte  ceud 
thoradh  obair  chriochnaichte  ? 

»  Bha  f hios  aige  nach  bu  thabhartas  dhiom- 
hain  a  bha  'n  a  bhas,  ach  iobairt  naomh 
anns  an  robh  cumhachd  nach  gabhadh 
tomhas  gu  bhi  a'  slanachadh  agus  a'  tearn- 
adh  dhaoine.  Nuair  a  bhuadhaich  e  tre'n 
chrann-cheusaidh  air  son  an  deoraidh  truagh 
ud  a  thogail  o'n  otrach  bhreun  agus  a  dhean- 
amh 'n  a  righ  's  'n  a  shagart  do  Dhia,  c6 
chuireadh  crioch  sam  bith  ri  eifeachd  a 
bhais  ?  Chunnaic  e  de  shaothair  anama,  agus 
bha  e  toilichte. 

Bha  e  an  sud  an  rtim  's  an  aite  dhaoine, 
ag  iomchar  eallach  trom  an  cionta.  'S  e  so 
gun  amharus  cridhe  an  t-Soisgeil,  gur  ann 
air  son  a'  pheacaidh  a  bhasaich  Criosd. 
Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  nithean  eile  a 
chunnaic  daoine  creidmheach  anns  a'  Chrann- 
cheusaidh,  eisimpleir  shoilleir  air  faidhidinn 
agus  fein-aicheadh,  agus  fulangas,  fianuis 
dhileis  air  sgath  na  firimi.  Ach  nuair  a  tha 
an  t-anam  air  a  dhiisgadh  's  a'  sireadh 
tearnaidh  chan  e  sin  na  seallaidhean,  ge 
b'e  cho  oirdhearc  's  a  tha  iad  annta  fein,  ris 
a  bheil  a  shuil.:  so  an  ni  ris  am  bheil  a 
dhochas  gu  tur  an  crochadh  gu'n  do  bhasaich 
Criosd  air  son  pheacaidhean.  'S  e  smior  a' 
ghnothuich  gu'n  do  rinn  esan  air  ar  son  ni 
nach  b'urrainn  dhuinn  gu  brath  a  dheanahih 


NA  TRI  CROINN— AN  DROCH  ORIDHE 


3 


air  ar  son  fein,  ionuus  gu  bheil  slabhraidhean 
an  fhoirneirt  air  am  briseadh,  agus  am 
priosanach  air  a  chiir  fa  sgaoil. 

Chleachd  an  soisgeulaiche  urramach  Iain 
Mac  Neill  a  mhac-meanmhuinn  spioradail 
gu  cothromach  le  bhi  deanamh  samhladh 
air  Barabas,  am  fear-reubainn  ud  eile  a  bha 
air  a  chur  saor  nuair  a  dhiteadh  Criosd  'n 
a  aite  gu  bas.  Anns  an  dealbh  so  chithear 
Barabas  air  a  ghlacadh  am  measg  a'  mhor- 
shluagh  a  bha  cruinn  timchioll  Chalbhari. 
Ag  amliarc  le  durachd  's  le  iongantas  air 
Criosd,  thubhairt  e,  "  Chan  'eil  fhios  agam 
CO  thu,  's  chan  'eil  mi  tuigsinn  ciod  is  ciall 
do  na  nithean  diomhair  a  tha  gabhail 
aite  an  so  an  diugh;  ach  aon  ni  de 
bheil  mi  gu  tur  cinnteach,  mur  a  bitheadh 
tusa  an  sin  'n  am  aite,  bhithinn-sa  ann." 
Agus  ma  bhlais  sinn  \iile  gu  bheil  an  Tighearn 


grasmhor,  tha  sinn  uile  mar  Bharabas ;  tha 
sinn  fo  chomainean  do-labhairt  do  Chriosd 
oir  tha  dearbh-fliios  againn  mur  a  bitheadh 
esan  an  sud  a'  basachadh  air  ar  son  gu'm 
feumamaid  an  diteadh  a  ghiiilan  air  son 
ar  lochdan.  Ach  tre  iobairt  reitich  tha  sinn 
gu  h-iomlan  saor  a  chum  na  beatha  maireann- 
aich. 

■'  Fulang  naire  's  rudha  gruaidh 
Ann  am  aite  sheas  e  suas 
Le  fhuil  phriseil  phaigh  e'n  luach 
Alleluia,  nach  e'n  Slanuighear  !  " 

Air  an  aobhar  sin  tha  a  phobuU  shaorta 
coisrigte  dha  gu  siorruidh.  "  A  bheatha  tha 
mi  nis  a'  caitheadh  's  an  fheoil,  tha  mi  'g 
a  caitheadh  tre  chreideamh  Mhic  Dhe  a 
ghradhaich  mi,  agus  a  thug  e  fein  air  mo 
shon." 


An  Droch  Cridhe 

[Beachd-smuaineachadh  niu  ^Shimon,  an  Druidh.) 
Leis  an  Vrraniach  Iain  Mac-Aoidh,  M.A.,  an  Glaschu. 


THA  nithean  bu  mhiann  leinn  a  bhi  againn 
nach  'eil  air  an  toirt  dhuinn  a  chionn  's 
nach  'eil  simi  ullamh  air  an  son.  Chan  'eil 
sinn  an  comhnuidh  a'  faotainn  freagairt  do 
ai'  n-iirnuighean  mar  bu  mhiann  leinn,  agus 
is  math  nach  'eil.  Tha  moran  bheannachdan 
agus  thiodhlacan  air  an  aicheadh  oirnn  do 
bluigh  's  nach  'eil  sinn  comasach  air  an 
cleachdadh,  agus  mar  sin  nach  'eil  iad  chum 
feum  dhuinn  fein  no  do  chach.  Tha  seilbhean 
eile  ann  a  gheibh  sinn  air  chumhnant ;  ma  's 
ruig  sinn  orra,  feumaidh  suidhichidhean 
sonruicbte  a  bhi  air  an  coimhlionadh  do  ar 
taobh-ne.  Am  measg  nanseilbhean  so,  tha 
tiodhlac  an  Spioraid  Naoimh.  Feumaidh 
an  cridhe  a  bhi  ceart  mu'n  tig  an  Spiorad 
Naomh  thugainn,  oir  cha  ghabh  e  tamh  ann 
an  (Jxoch  cridhe. 

Is  e  an  t-aobhar  a  thug  Peadar  do  Shimon 
an  Druidh  air  son  nach  b'urrainn  dha  an 
Spiorad  Naomh  fhaotainn  nach  robh  a 
chridhe  direach  am  fianuis  Dhe.  Cha  robh 
e  ullamh ;  cha  bu  chuspair  freagarrach  e  a 
chionn  gu  robh  aige  droch  cridhe  anus  nach 
robh  e  an  comas  do'n  Spiorad  comhnuidh  a 
ghabhail.  Bha  e  mar  a  bha  cuid  de  shinnsir, 
"  Ian  ceannairc  is  drooh-bheirt,  gun  spiorad 
tairis  annt'  do  Dhia,  's  an  cridhe  gun  bhi 
ceart."  Tha  eachdraidh  an  duine  so  a' 
leigeil  ris  dhuinn  cuid  de  na  peacaidhean  a 
chumas  duine  gun  chuid  no  crannchur  a 
bhi  aige  ann  an  oighreachd  Dhe, — na  h-uilc 
a  tha  fagail  cridhe  duine  neo-airidh  air  an 
Spiorad  Naomh, 


Comharran  air  an  Droch  Cridhe. 

(1)  An  toiseach,  Cealgaireachd. 

Mheall  an  duine  so  muinntir  Shamaria, 
ag  radh  gu'm  bu  neach  mor  eigin  e  fein. 
Thubhairt  e  gu  robh  e  ni  nach  robh  e,  agus 
gu  robh  aige  ni  nach  robh  aige.  Cha  bu 
ghann  nach  do  rinn  e  fuaim  agus  gleadhraich, 
ach  's  e  sin  fein  na  bha  ann.  Thuig  Peadar 
gu  h-aithghearr  an  seorsa  duine  bha  aige, 
nach  robh  ann,  ach  am  mealltair,  agus  ars 
esan  ris  an  drtiidh,  "  Chan  'eil  do  chridhe 
dh'each  am  fianuis  Dhe."  Chan  'eil  cridhe  a' 
chealgaire,  mar  theirear,  anns  an  aite  cheart. 
Las  corruich  Chriosd  .gu  h-uamhasach  an 
aghaidh  nan  cealgairean.  '"  Tha  sibh,"  ars 
esan  rtu,  "  cosmhuil  ri  uaighean  gealaichte, 
a  tha  da  rireadh  ag  amharc  maiseach  o'n 
taobh  am  muigh,  ach  an  taobh  a  stigh  tha 
Ian  de  chnamhan  dhaoine  marbha  agus  de 
gach  uile  neoghloine."  Is  e  cealgaireachd,  ma 
ta,  aon  chomharadh  air  an  droch  cridhe. 
Nach  dean  sinn  urnuigh,  maille  ris  an 
t-Salmadair,  ag  radh,  "  Dhia,  cruthaich 
annam  cridhe  glan  agus  ath-nuadhaich 
spiorad  ceart  an  taobh  a  stigh  dhiom  ?  " 

(2)  GoniJiaradh    eile    air  an   Droch   Cridhe  : 

Far  mad. 

Feumaidh  e  bhith  gu'n  do  shanntaich 
Simon  an  Druidh  an  cumhachd  a  thugadh 
do  na  h-abstoil,agus  lion  farmad  a  chridhe. 
Chan  'eil  e  iongantach  gu'm  beil  farmad  air 
ainmeachadh    le    seann    aithrichean    na    h- 


AN  DROCH  CRIDHK 


Eaglais  mar  aon  de  na  Seachd  Peacanna 
Basmhor.  An  aite  gairdeachas  a  dheanamh 
OS  cionn  ghniomharan  nan  abstol  agus  a' 
chumhachd  a  thugadh  dhoibh  o  Dhia,  is 
ann  a  mhiannaich  Simon  an  Druidh.  an 
cumhachd  so  air  son  criochan  talmhaidh 
agus  a  bhuannachd  fein.  Cha  robh  e  air 
son  gn'm  biodh  barrachd  cumhachd  aig 
neach  sam  bith  air  na  bha  aige-san,  agus 
mar  sin  bha  farmad  aige  ris  na  h-abstoil. 
Bha  farmad  aig  na  h-Iudhaich  ri  Criosd  a 
chionn  gu  robh  cumhachd  aige  o  Dhia,  agus 
thug  iad  thairis  e  gu  bhi  air'  a  cheusadh. 
Cha  robh  an  cridheacban  direach  am  fianuis 
Dhe. 

(3)  An    ath    chomharadh, — Earbsa    ann    am 

feartan  saoghalta. 

Bha  Simon  an  crochadh  ri  a  dhruidheachd 
air  son  na  rinn  e.  Mheall  e  muinntir  Shamaria 
le  a  chuid  innleachdean  ;  tha  sin  a'  nochdadh 
dhuinn  cho  furasda  \s  a  tha  e  daoine  a  thoirt 
a  thaobh  mur  bi  eolas  aca  air  an  fhirinn, 
agus  bha  deagh  fhios  aig  Simon  air  a  sin. 
Chuir  e  Ian  earbsa  'n  a  dhruidheachd  a  bhi 
eifeachdach  gus  an  shiagh  claon  a  mhealladh, 
ach  nuair  a  dhealraich  an  solus  orra,  chunriaic 
iad  nach  robh  anns  an  druidh  ach  am  meallt- 
air  agus  gur  e  a  bhuannachd  fein  a  mhain 
a  bha  aige  anns  an  amharc,  gu  robh  a  chridhe 
air  nithean  talmhaidh  agus  gu  robh  'earbsa 
'n  a  neart  fein.  "  Chan  ann  le  neart  no  le 
cumhachd,  ach  le  mo  Spiorad-sa,"  deir 
Tighearna  nan  sluagh. 

(4)  Ddidh  air  gldir  dhiomhain. 

Bha  Simon  faoin,  agus  sin  comharadh  eile 
air  olcas  a  chridhe,  an  duine  truagh.  Bha  e 
am  mach  air  son  gloir  dha  fein,  agus  thuit  e, 
mar  a  thuit  cuid  eile  air  a'  chloich  sin,  mar 
a  thuit  Pharaoh  agus  Haman,  Alasdair  Mor 
agus  Napoleon,  mar  a  thuit  gach  neach  agus 
gach  cinneach  a  bha  ag  iarraidh  uachdranachd 
agus  gloir  thimeil.  Mar  a  dh'  fheoraich  am 
bard,  "  Asiria,  a'  Ghreig,  An  Roimh, 
Carthage,  c'aite  am  beil  iad  ?  "  C'aite  gu 
dearbh  ?  C'aite  am  bi  sinne,  cuideachd, 
ma  bhitheas  ar  cion  air  gloir  is  urram  o 
dhaoine,  gloir  nach  lean  ruinn  ?  Ciod  a 
thachras  dhuinn  ma  dh'  iarras  sinn  na  h-uile 
beannachd  dhuinn  fein  ?  Labhair  leremiah 
ri  a  sheirbhiseach,  Baruch,  ag  radh  ris, 
"  Agus  am  bheil  thusa  ag  iarraidh  air  do 
shon  fein  nithean  mora  ?  Na  h-iarr ;  oir, 
feuch,  bheir  mise  olc  air  na  h-uile  fheoil, 
tha  an  Tighearna  ag  radh :  ach  bheir  mi 
dhuitsa  t-anam  mar  chobhartach  anns  na 
h-uile  aite  gus  an  teid  thu,"  Mar  chobhartach 
no  mar  chreich,  thoir  an  aire  :   ach  bu  mhath 


dha  anam  's  a  bheatha  mar  sud  fein.  "  Mar 
eun  a  lion  an  eunadair,  ar  n-anam  truagh 
chaidh  as."  "  Ann  'ur  foighdinn,"'  thubhairt 
ar  Tighearna  losa  Criosd,  "  sealbhaichibh 
bhur  n-anama  fein." 

(5)    An     Comharadh     mu     dheireadh,     Eas- 
urram  do  Dhia. 

Cha  do  smuainich  Simon  an  Driiidh  air 
gl^oir  a  thoirt  do  Dhia.  "Is  e  an  duine  so 
cumhachd  mor  Dhe."  ghlaodh  na  Samaritan - 
aich  bhochda,  agus  cha  do  chuir  esan  stad 
orra,  mar  bu  choir  dha  a  bhi  air  a  dheanamh  ; 
cha  d'  aicheaich  e  gu'm  b'e  e  fein  cumhachd 
mor  Dhe.  Nach  b'e  a'  bhruid  e  !  Duine  a 
chuir  e  fein  an  aite  an  Uile  chumhachdaich  ! 
Ach  sin  an  droch  cridhe,  Ian  toibheum  agus 
feinealachd,  'ga  thogail  fein  suas  an  aghaidh 
Dhe.  Sin  spiorad  an  ana-Criosd.  a  sgaras  an 
duine  o  Dhia,  mar  a  sgar  e  aig  an  am  ud 
Simon  an  Driiidh  o  chrannchur  nam  fireanna 
agus  o  chomunn  an  Tighearna.  Nach  oillteil 
an  droch  cridhe  !  Ach  ma  dh'innis  Peadar 
a  ghftlair  do  Shinion,  thug  e  dha  rdar  an 
ceudna  an  leigheas.  Dh'innis  e  dha  an  doigh 
anns  an  robh  e  comasach  dha  a  bhi  air  a 
shaoradh  o'n  staid  dhiblidh  anns  an  do 
thuit  e.    Mar  sin,  chi  sinn 

Mar  a  leigheisear  an  Droch  Cridhe. 

Tha  an  leigheas  da-fhillt.  "  Gabh  aith- 
reachas,  uime  sin,  do  t-olc  so  agus  guidh 
air  Dia,  ma  dh'fheudar  gu  maithear  dhuit 
smuaintean  do  chridhe."  Chum  bhi  reidh  ri 
Dia,  feumaidh  sinn,  mar  sin, 

(I)  Aithreachas. 

Sin  a'  cheud  cheum,  aithreachas  a  chum 
beatha,  aithreachas  air  son  ar  n-olc  fein. 
Bha  droch  eachdraidh  aig  Simon  an  Drtiidh, 
agus  droch  cridhe,  ach  bha  e  fhathast  beo 
ann  an  latha  grais,  ann  an  comas  aithreachais. 
Tha  dealachadh  eadar  aithreachas  agus 
doilgheas.  Oibrichidh  doilgheas  an  t-saoghail 
so  bas.  Bha  doilgheas  air  ludas  Iscariot, 
ach  cha  d'thainig  e  le  a  dhoilgheas  gu  Dia. 
'S  ann  a  chaidh  e  leis  gu  daoine  o  na  ghabh 
e  tuarasdal  na  h-eucoir  aig  nach  robh  co- 
fhaireachduin  sam  bith  ris,  agus  bha  a  bhuil. 
Tha  aithreachas  a'  ciallachadh,  chan  e  a 
mhain  doilgheas  air  son  peacaidh  ach  mar 
an  ceudna  pilleadh  ris  an  Tighearna.  Teachd- 
aireachd  Dhe,  "  Pillibh  riumsa  agus  pillidh 
mise  ribhse,"  teachdaireachd  an  'I'iomnaidh 
Nuaidh  o  bhilean  Chriosd  agus  Eoin  Baiste, 
"  Deanaibh  aithreachas  oir  tha  rioghachd 
neimh  am  fagus."  A'  cheud  cheum,  aith- 
reachas, agus, 


AN  DROCH  CRIDHE-^ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


(2)  A71  Dara  Ceutii.,  Unvuigh. 

Guidh.  air  Dia  ma  dh'fheudar  gu  maithear 
dhiiit  smuainteen  do  chridhe."  An  deidh 
aithreachais,  Urmiigh.  "  Feuch,  tha  e  ri 
urnuigh."  'S  ami  anns  an  urnuigh  a  tha 
fuasgladh  agus  saorsa.  Phill  an  Tighearna 
braighdeanas  lob  nuair  a  rinn  e  urnuigh  air 
son  a  chairdean.  Cuiridh  trocair  Dhe  ceart 
an  droch  cridhe,  agus  is  ann  air  son  trocair 
bu  choir  ar  ceud  urnuighean  a  bhi  air  an 
cur  suas  ri  Dia.  "  A  Thighearna,  dean 
trocair  ormsa  a  tha  'n  am  pheacach, "  ghuidh 
an  cis-mhaor  's  a  chridhe  Ian  aithreachais. 


Ghlaodh  am  bochd  agus  dh'eisd  ris  Dia. 
"  Deanaibh  faire  agus  iirnuigh,"  dh'aithn' 
Criosd,  urnuigh  air  son  maitheanas  agus 
trocair.  Bha  trocair  fhathast  ann  do  Shimon 
an  Driiidh  le  a  dhroch  cridhe.  Tha  trocair 
ann  dhuinne  Uaithe-san  a  mhaitheas  ar 
peacaidhean  agus  a  shlanuicheas  ar  n-eus- 
laintibli  uile,  trocair  tre  ar  Slanuighear,  losa 
Criosd,  a  leigheiseas  an  droch  cridhe,  agus 
a  dh'  ath-nuadliaicheas  an  corp  's  an  t-anam. 
Uime  sin,  air  dhuinn  a  bhi  air  ar  f  ireanachadh 
tre  chreideamh,  tha  sith  againn  ri  Dia  tre 
ar  Tighearna  losa  Criosd. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AN  uair  a  bliios  tu  "n  ad  sliuidhe  aig  do 
bhraiceas  no  aig  do  dhinnear  cuimhnich,  a 
ieughadair,  air  na  seoladairean  a  tha  a'  cur 
am  beatha  an  cunnart  gach  mionaid  de'n  la 
agus  de'n  oidhche  a'  tarruing  thugainne  ar 
bidh,  agus  thoir  buidheachas  do  Dhia  air 
son  an  gaisgealachd.  Is  e  an  saothair-san 
agus  an  cruadal-san  a  tha  'g  ar  cumail-ne 
beo,  oir  tha  tomhas  mor  de'n  bhiadh  a  tha 
sinn  ag  itheadh  a'  fas  ann  an  diithchannan 
eile  agus  air  a  ghiiilan  le  bataichean  thar 
chuan  ;  cruithneachd  a  dh'abuich  air  raontan 
grianach  ann  am  Manitoba  no  ann  an 
Saskatchewan,  im  a  bha  air  a  dheanamh 
ann  an  New  Zealand,  coffee  a  thainig  a 
Brasil  no  a  lava,  tea  a  thainig  as  na  h-Innsibh 
an  Ear,  agus  siiicar  a  thainig  as  an  Eiphit 
no  a  Cuba. 

Ged  nach  'eil  im  no  uibhean  no  feoil  a" 
tighinn  thugainn  a  Denmark  no  as  an  Olaind 
an  drasd,  tha  iad  a'  tighinn  a  Canada  agus 
Astralia  air  slighean  mara  as  cunnartaiche 
na  seolaid  na  h-Olaind,  no  ma's  ann  as  an 
Argentine  a  thig  iad,  chan  e  sin  slighe  gun 
chunnart  na's  mo. 

larunn  agus  cotan,  tin  agus  uileadh, 
rubber  agus  olann,  agus  gach  stuth  eile  a 
dh'fheumar  fhaotainn  am  pailteas  an  am 
cogaidh,  tha  iad  air  an  toirt  a  nail  do'n 
duthaich  so  le  daoine  nach  saoileadh  tu  dad 
dhiubh  ri'm  faicinn,  ach  a  tha  a  cheart  cho 
cruadalach  ris  an  fheadhainn  a  bhiodh  a" 
dol  mu'n  cuairt  Ceap  Horn  anns  na  seann 
soithichean-seolaidh 


Sheol  Wilbert  Roy  Widicombe,  gille  a 
dh'aois  ceithir  bliadhna  fichead,  agus  Deorsa 
Tapcott,  balach  a  dh'aois  naoi  bliadhna 
deug,  ann  am  bata  d'am  b'ainm  an  Anglo- 
Saxon,  ach  gu  tubaisteach  thachair  te  de 
na  soithichean -cogaidh   Gearmailteach  oirre 


agus  chuir  i  fodha  i,  annfe  an  Atlantic,  siar 
air  eileanan  Ceap  Verde.  An  deidh  do'n 
sgioba  leum  do  na  geolachan  a  chuir  iad  a 
mach  loisg  na  Gearmailtich  air  na  geolachan 
agus  air  na  daoine  a  bha  a'  snamh  mu'n 
cuairt  orra,  agus  mharbh  iad  a'  chuid  bu 
mho  dhiubh.  Ach  fhuair  seachdnar  as,  is 
dh'iomair  iad  air  falbh  ann  an  geola'  bhig, 
geola  a  bha  sia  troighean  deug  anns  an 
druim  aice,  agus  'n  am  measg  sin  bha 
Tapscott  agus  Widicombe. 

Bha  iad  miltean  de  mhiltean  o  fhearann, 
gun  bhiadh  anns  a'  gheola  ach  aon  bhocsa 
bhrioscaidean,  deich  no  dusan  canastair 
bainne,  agus  buideal  uisge  anns  an  robh 
coig  gallain. 

Cha  robh  cairt  no  combaist  aca,  agus  cha 
robh  aca  a  dh'aodach  ach  na  bha  umpa. 
Bha  cuid  dhiubh  as  an  leintean  agus  air 
cheannaibh  an  stocainnean. 

Chuir  iad  ri  cheile  gu'n  seoladh  iad  siar 
an  dochas  gu'm  biodh  a'  ghaoth  agus  an 
sruth  fabharach,  ach  an  ceann  greis  chaidh 
iad  am  measg  feamann  a  bha  cho  dumhail 
's  nach  mor  gu'n  gluaiseadh  a'  gheola.  Bha 
iad  anns  a'  chearn  sin  de'n  Atlantic  ris  an 
abrar  Fairge  Sargasso.  Bha  an  fheamainn 
cho  tiugh  agus  na  daoine  cho  lag  's  nach 
b'urrainn  dhaibh  iomram. 

An  ceann  mios  bha  am  bainne  ullamh, 
agus  na  brioscaidean  dluth  a'r  a  bhi  ullamh 
cuideachd.  An  sin  shiubhail  fear  de  na 
daoine,  a  bha  air  a  phianadh  le  neasgaidean, 
agus  an  ceann  la  no  dha  fear  eile.  Am 
beagan  iiine  dh'fhalbh  dithis  eile ;  thog 
speuran  an  cinn,  is  leum  iad  a  mach  aij' 
a'  mliuir.  Dh'fhag  sin  tri  anns  a'  gheola 
seachd  seachduinean  an  deidh  dhaibh  dol 
innte.  Air  an  ochdamh  seachduin  theirig 
an  t-uisge  orra,  agus  air  an  tri  ficheadamh 
la  chaidh  fear  eile  as  a  chiall,  is  ghearr  e  a 
sgornan  fhein. 


6 


A]NTs[S  A'  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


Bha  an  dithi.s  a  dh'fhan  beo  ann  an  cas 
cruaidh,  ion  's  a  bhi  air  a'  chuthach  le 
pathadh  agus  air  an  losgadh  le  teas  na 
greine  a  bha  a'  toUadh  an  cinn  mar  gu'm 
biodli  iad  air  an  tolladh  le  mile  •  gimleid. 
Tlioisieh  iad  air  an  fheamainn  itheadh,  aeh 
cha  do  rinn  sin  ach  am  pathadh  a  dheanamh 
na  bu  mhiosa. 

Mu  dheireadh  dh'at  an  teanganna  cho 
mor  's  nach  b'urrainn  dhaibh  bruidhinn  ri 
cheile,  is  laigh  iad  air  urlar  na  geola  a 
dh'fheitheamh  a'  bhais. 

H:  *  *  ^  * 

Deich  seachduinean  an  deidh  do'n  Anglo- 
SaxoH  a  bhi  air  a  ciir  fodha  bha  tuathanach 
anns  na  Bahamas  (dnine  dubh)  a'  bruidhinn 
ri  iasgairean  a  bha  ag  iasgach  air  eilean 
beag,  agus  anns  a'  bhruidhinn,  faicear  (mar 
a  shaoil  e)  da  thurtur  'g  an  crubadh  fhein 
air  an  traigh.  Ruith  e  'g  an  ionnsuidh,  a' 
toirt  a  mach  na  sgine,  oir  tha  meas  air  an 
turtur  anns  na  Bahamas.  Ach  an  uair  a 
rainig  e  iad  chunnaic  e  gur  e  daoine  a^  bha 
ann,  gille  agus  balach  Breatunnach,  a  bha 
cho  fada  leis  's  nach  b'urrainn  dhaibh 
bruidhinn  no  an  suilean  fhosgladh,  Tapscott 
agus  Widicombe,  a  thainig  ann  an  deich 
seachduinean  2,500  mile  o'n  aite  anns  an  do 
chuir  an  soitheach-cogaidh  Gearmailteach 
am  bata  sios  fon  casan. 


Uidh  ar  n-uidh  thainig  iad  thuige,  agus  an 
ceann  greis  bha  iad  air  an  toirt  gu  Nassau 
ann  an  soitheach-adhair,  far  an  do  choinnich 
Breatunnach  eile  iad,  duine  laghach  a  bha 
riamh  coibhneil  agus  baigheil  ri  truaghain. 
B'e  an  duine  laghach  ud,  Diuc  Windsor,  a 
tha  nis  na  Riaghlair  anns  na  Bahamas. 

Tha  ni-eigin  neo-bhasmhor  ann  an  gniomh 
gaisgeil .  Tha  gun  teagamh,  agus  tha  gniomh- 
aran  cho  gaisgeil  air  an,  deanamh  le  seola- 
dairean  Bhreatuinn  anns  na  laithean  so  's 
gu  bheil  seorsa  de  naire  orm  a  bhi  a'  fiilang 
botiil  teth  'n  am  leabaidh  air  an  oidhche  as 
fhuaire. 

An  uair  a  shuidheas  tu  aig  do  bhraiceas, 
no  aig  do  dhinnear,  agus  a  chuimhnicheas 
tu  air  a'  chunnart  anns  a  bheil  daoine  eile 
a'  cur  am  beatha  los  nach  biodh  sinne  gun 
bhiadh  shaoilinn,  a  leughadair,  gu'm  biodh 
a'  cheart  fhaireachduin  'n  ad  cliridhe  a  bha 
ann  an  cridhe  Dhaibhidh  an  uair  a  thug 
triiiir  dhaoine  treuna  deoch  thuige  o  thobar 
Bhetlehem.  "  Gu  ma  fada  uamsa,  a  Thigh- 
earna,  gu'n  olainnse  full  nan  daoine  a  chaidh 
ann  an  cunnart  an  anama."  Agus  thaom  e 
mach  e  do'n  Tighearn. 

Minich  thusa,  ma  ta,  am  facal  sin  dhuit 
fhein. 


Aig  an  Uinneig 


An  t.Urramach  Iain  Bain. 

BITHIDH  moran  eile  a  thuilleadh  air 
Gaidheil  Dhtm-eideann  ag  ionndrainn  a' 
mhinisteir  so,  oir  bha  e  'n  a  dhuine  aoibheil 
agus  companta  anns  an  robh  cur-a-mach  an 
cuideachd.  De  mhuinntir  Ghearr-loch  a 
thaobh  a  dhiithchais  bha  e  air  oileanachadh 
an  Dun-eideann,  agus  air  a  shuidheachadh 
an  Arainn  an  1911,  anns  an  Eaglais  Shaor 
Aonaichte.  An  deidh  dha  bhi  sia  bliadhna 
ann  an  Arainn  chaidh  e  do  Chill-Bhrighde 
Siar,  agus  'n  a  dheidh  sin  do'n  Eaglais  Ard 
an  Obar-eathain,  ach  an  1926  chaidh  e  do 
Eaglais  an  Naoimh  Pol;  an  Dun-eideaim, 
far  an  do  shaothraich  e  gus  an  do  shiubhail  e. 
Ged  bhiodh  e  daonnan  air  cheann  no  am 
broilleach  na  cuideachd  anns  na  coinn- 
eamhan-cuirm  no  ciuil  no  cairdeis,  a  bhiodh 
aig  Gaidheil  Dhim-eideann,  cha  do  rinn  e 
riamh  dearmad  air  obair  dhligheach  fein, 
is  bha  f  hios  aig  fi  bhraithrean,  agus  gu  son- 
I'uichte  aig  a  choimhthional,  gu'm  bu  duine 
e  a  bha  dichiollach  agus  dtu-achdach  ann  an 
dreuchd  na  ministrealachd.  Bha  e  baigheil 
agus    coibhneil,    agiis    dealasach   anns    gach 


obair  no  oidhirp  anns  an  iarradh  Gaidheil 
Dhun-eideann  a  chuideachadh  no  a  cho- 
mhairle. 

An  Baidheachan  Soisgeulach. 

Amis  an  aireamh  mu  dheireadh  de'n 
Raidheachan  so  thug  am  Fear-deasachaidh 
a'  cheud  aite  do  sheanchas  mu  "  Dhearbh- 
achd  " — dearbhachd  a'  chreidmhich — leis  an 
Ard  Fhear-teagaisg  anns  a'  Chollaist  Nuadh, 
an  Dun'-eideann,  an  t-Ollamh  G.  T.  Thomson. 
Bhiodh  e  buannachdail  do  mhinistearan  oga, 
aig  a  bheil  bliadhnachan  searmonachaidh  air 
thoiseach  orra  f hathast,  na'n  leughadh  iad 
gu  ciiramach  na  tha  an  t-Ollamh  D.  Marty n 
Lloyd-Jones  ag  radh  mu  dhiadhaidheachd 
agus  mu  mhoraltachd.  Is  e  so  diteadh  na 
gineil  so  nach  'eil  Dia  idir  aiui  an  smuaintean 
dhaoine,  ach  mur  bheil  Dia  'n  ar  smuaintean 
agus  'n  ar  coguis  chan  'eil  'n  ar  moraltachd 
ach  togail  gun  steidh. 

Tha  seanchas  tili-ail  anns  an  aireamh  so 
mu'n  aite  agus  mu'n  eifeachd  a  bhuineas 
do  reuson  mhic  an  duine  a  thaobh  Dhe 
agus    a   thaobh   an    Fhoillseachaidh   a   rinn 


AIG  AN  UINNEIG 


Dia  air  fhein  'n  a  B^'hacal  agus  "n  a  Mli-ic. 
A  thuilleadh  air  seanchas  niii  ohnspair  no 
dha  eile  le  sgoilearan  ciallach,  tha  oraid  ami 
luu  "  Mhinistrecilachd  Shoisgeiilach  '"  leis  an 
Fhear  -  dheasachaidh  fhein,  an  t  -  Ollamh 
Domlxmill  Mac  Gill-eathain,  an  Collaist  na 
h-Eaglaise  Saoire  an  Dim-eideann,  a  liubhair 
e  ami  an  deireadh  an  „  Fhoghair  do  na 
h-oileanaich  oga  a  tha  -  'g  an  iillachadh 
fein  anns  a'  Chollaist  air  son  drench d  na 
ministrealachd.  Ged  tha  paipear  gann 
anns  na  laithean  so  tha  an  Raidheachan  Sois- 
geulach  a'  cumail  air  aghaidh,  gun  dad  de 
choslas  na  caoile  air  a  chithear  air  paipearan 
agus  'air  Miosachain  eile. 

W.R.N,  anns  an  t-suidheachan. 

Tha  na  litrichean  W.R.N.  a'  ciallachadh 
Uilleam  Robasdan  Nicoll,  duine  a  bha  'n 
a  bhreitheamh  cothromach  aii-  iomadh  seorsa 
oibre,  ach  a  bha  gu  sonruichte  'n  a  bhreith- 
eamh cothromach  air  searmoin.  Bu  toigh 
leis  a  bhi  ag  eisdeachd  shearmon,  agus  a  bhi 
bruidhinn  mu  shearmoin,  ged  bhiodh  e  a' 
gearan  gu  robh  'inntinn  kiaineach,  agus  * 
titheach  air  falbh  air  a  sgiathan  fhein  an 
aite  fantuinn  comhla  ris  an  t-searmonaiche 
fad  na  h-uine.  Bha  meas  mor  aige  air  an 
Ollamh  J.  R.  Jowett,  agus  rinn  searmon  a 
liubhair  Jowett  air  a'  cheann-teagaisg,  "  Tha 
Dia  a'  moladh  a  ghraidh  fein  duinne,  do 
bhrigh  an  uair  a  bha  sinn  fathast  'n  ar 
peacaich,  gu'n  do  bhasaich  Criosd  air  ar 
son,"  druidheadh  anabarrach  air  a  chridhe, 
ach  an  uair  a  chual  e  an  searmohaiche  ag 
radh  gu'm  faodteadh  firean  a  radh  ri 
Casaubon,  "  dh'fhalbh  m'iimtinn,"  ars  esan, 
"  air  sgiathan  a  dh'aon  ruith,  is  chuimhnich 
mi  nach  d'thug  Seoras  Eliot  ceartas  idir  do 
Chasaubon,  agus  gu  robh  e  cearr  dhi  Mark 
Pattison  agus  a  bhean  a"  chur  ann  an 
leabhar." 

B'e  Spurgeon  agus  Parker  an "  dithis 
a  chuireadh  e  daonnan  air  thoiseach,  ach 
bha  beul  farsiiinn  air  a  lion,  is  ghabhadh 
e  ri  iasg  maith  air  bith  ged  b'ann  as  na 
h-eaglaisean  Steidhichte  a  thigeadh  e.  Bhiodh 
e  a'  leughadh  searmoin  Spurgeon  fad  uair 
an  uaireadair  a  h-uile  feasgar  Sabaid  leis 
fhein,  agus  ag  radh  nach  robh  biadh  eile 
air  an  t-saoghal  a  b'fhearr  d'a  anam  na 
lad.  "  Cha  d'eisd  mi  riamh  ri  Parker  a' 
searmonachadh  gun  iarraidh  a  bhi  agam 
air  a  bhi  'n  am  dhuine'a  b'fhearr." 

Ach  ged  bha  W.R.N,  gaolach  air  a  bhi 
anns  an  t-suidheachan  bha  e  deas  cuideachd 
gu  bhi  a'  dol  do'n  chubaid,  is  bha  e  'n  a 
shearmonaiche  maith ;  simplidh  agus  dur- 
achdach  agus  soisgeulach.     B'fhearr  leamsa 


CO  dhiubh  a  shearmoin  fhein  na  searmoin 
nam  prionnsachan  a  bhiodh  e  a'  moladh, 
agus  theagamh  gur  e  an  t-aobhar  gu  robh 
iad  cho  simplidh  agus  gun  tartaraich  annta. 

An  t-ainm  Xaomh. 

B'e  so  an  tiotal  a  chuir  Spurgeon  os  cionn 
aon  de  na  searmoin  a  b'  fhearr  a  liubhair  e 
riamh.  Chan  'eil  aite  againn  air  an  duilleig 
so  do'n  t-searmon  sin  air  fad,  ach  faodar 
crioman  beag  dheth  a  chur  sios,  oir  tha 
brigh  is  beatha  ann  am  briathi'an  Spurgeon 
daonnan.  "  An  uair  a  tha  gaol  againn  air 
neach  air  bith,"  thubhairt  e,  "  tha  gach  ni 
a  bhuineas  do'n  neach  sin  measail  'n  ar 
siiilean  air  a  sgath.  Tha  ainm  an  Tighearna 
losa  cho  ionmhuinn  ann  an  suilean  chreid- 
mheach  's  gu  bheil  gach  ni  a  bhuineas  dha 
na's  luachmhoire  na'n  t-or.  Tha  na  h-aitean. 
air  an  do  choisich  a  chasan  naomha,  na 
briathran  a  labhair  na  bilean  naomha,  na 
smuaintean  a  gheibhear  'n  a  fhacal, — tha 
iad  uile  priseil  'n  ar  sealladh  os  cionn  gach 
aite  agus  facal  eile  fo'n  ghrein.  Tha  so 
f  ior  cuideachd  a  thaobh  ainmean  Chriosd ; 
tha  iad  uile  binn  is  maiseach  ann  an  cluasan 
a'  chreidmhich.  Co  dhiii  a  theirear  ris  Ceile, 
no  Caraid,  no  Nuadh  fhear-posda  na  h-eag- 
lais  ;  CO  dhiu  a  bheirear  dha  mar  thiotal,  an 
t-Uan,  no  an  Righ,  am  Faidh,  no  an  Sagart, 
— tha  gach  ainm  dhiubh  niilis  a  chionn  gu 
bheil  e  fein  milis  agus  maiseach;  Shiloh, 
Emanuel,  an  t-Iongantach,  Comhairliche, 
Prionnsa  na  Sithe, — tha  gach  ainm  a  bheir- 
ear dha  mar  gu'm  biodh  cir-mheala  as  a 
bheil  rail  a'  sruthadh.  Ach  ma  tha  aon 
ainm  as  milse  na  gach  ainm  eile,  is  e  an 
t-ainm  sin  losa.  losa  !  sin  an  t-ainm  a 
chxiireas  ceol  ann  an  clarsaichean  nan 
neamh  :  oran  maiseach  ann  an  aon  fhacal ; 
an  t-ainm  beannaichte  a  bhios  iadsan  uile 
a  fhuair  beannachd  ann  a'  beannachadh 
gu  siorruidh." 

losa  !    'n  t-ainm  a  tha  ion-ghraidli 
An  t-ainm  os  cionn  gach  ainni  tha  arri, 
F^ubaidh  dha  gach  uile  ghlun, 
Sios  U'  iimhlachd  amis  an  uir. 

losa  !    \\  t-ainm  os  cionn  gach  luach 
Do  gach  peacach  diblidh,  truagh, 
Bho'n  a  dh'  innseadh  an  deagh  sgeul 
"  Saoraidh  losa  shluagh  gu  leir." 

Eaglaisean  mdra  maiseach. 

Bidh  daoine  a'  cur  s'los  air  na  h-eaglaisean 
a  bhatar  a'  togail  ann  an  Albainn  bho  chionn 
ceud  bliadhna,  agus  a'  moladh  nan  eaglais- 
ean briagha  a  thatar  a'  togail  an  diugh. 
Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  na  h-eaglaisean 
ui'a  maiseach  mar  thogalaichean,  agus 
briagha  ri  sealltuinn   orra,   ach  air   a   shon 


AIG  AN  UINNEIG 


sin,  tha  iad,  a  reir  mo  bheachd-sa  co  dhiii, 
a'  milleadh  oifig  an  t-searmonachaidh  anns 
an  diithaich,  oir  tha  iad  a'  toirt  air  minis- 
tearan  a  h-uile  facal  de'n  t-seirbhis  a  leughadh 
bho  thoiseach  gu  deireadh.  Chan  'eil  sin  a 
reir  gnaths  na  h-eaglais  againne,  agus  cha 
mho  a  tha  mise  co  dhiu  an  duil  gu  bheil  e 
a'  cnideachadh  diadhaidheachd  no  spioradal- 
achd  anns  an  eaglais,  ach  air  a  shon  sin  chan 
aithne  dhomh  cia  mar  a  ghabhas  an  droch 
chleachdadh  so  seachnadh,  oir  tha  e  eu- 
comasach  do  dhnine  cumanta  seirbhis  a 
dheanamh  ann  an  eaglais  mhoir  far  a  bheil 
cnid  de'n  choimhthional  cho  fada  bli  aith  's 
naeh  leir  dha  an  aodainn,  agus  far  am  feum 
e  a  ghuth  a  thogail  mar  gu'm  biodh  oifigeach 
a'  toirt  ordain  do  reiseamaid,  mar  a  dheanadh 
e  ann  an  eaglais  bhig  far  am  faod  e  bruidhinn 
ri  daoine  (agus  ri  Dia  cuideachd)  ann  an  guth 
iosal  nadurra,  agus  nithean  a  radh  naeh  h- 
urrainnear  a  ghlaodhach  air  mullach  nan 
tighean.  An  drasd  's  a  rithist  gheibhear 
anns  an  eaglais  ministearan  sonruiehte  da 
bheil  e  cho  furasda  labhairt  gun  phaipear  no 
iu-nuigh  a  dheanamh  gun  a  leughadh  ann  an 
Cathedral  mor  's  a  bhiodh  e  ann  an  tigh- 
coinnimh  beag,  ach  tha  iad  anabarrach 
tearc.  Agus  a  thuilleadh  air  sin  chan  'eil  ) 
na  h-aitean  mora  freagarrach  idir  air  son 
an  t-seorsa  teagaisg  a  tha  mise  a'  creidsinn 
as  feumaile  do'n  eaglais  an  diugh,  teagasg 
spioradail.  Na'n  robh  mi  'n  am  mhinistear 
ann  an  eaglais  mhoir — taing  do  Ni-Maith 
naeh  'eil — tha  mi  Ian  chinnteach  gu'n  stad- 
ainn  de  shearmonachadh  uile  gu  leir,  agus 
gu'n  toisichinn  aii'  Leabhar  Aithghearr  nan 


Ceist  a'  leughadh  ann  an  eisdeachd  a' 
choimhthionail  ann  an  guth  cho  ard  'sab' 
urrainn  mi. 

Trocair  Dhe. 

Ged  rannsaichamaid  am  Biobull  o 
cheann  gu  ceann  chan  'eil  facal  eile  ann  as 
soilleire  a  tha  a'  nochdadh  nadur  is  cliii  is 
ruintean  an  Tighearna  na  'm  facal  sin,  Tha 
tlachd  aige  ann  an  trocair.  An  d'  thug  thu 
riamh  fainear,  a  leughadair,  cia  lion  samhladh 
is  cosmhalachd  a  tha  na  faidhean,  agus  na 
h-abstoil,  agus  na  soisgeulaichean  a'  cleachd- 
adh  anns  a'  Bhiobull  chum  trocair  an  Tigh- 
earna a  chur  an  ceill  ?  Ach  ged  labhradh  iad 
le  teangaidhean  dhaoine  agus  aingeal  cha  b' 
urrainn  iad  luaidh  a  dheanamh  air  trocair 
Dhe  mar  bu  choir,  oir  tha  a  throcair-san  o 
shiorruidheachd  gu  siorruidheachd,  cho  ard 
ris  na  neamhan,  cho  domhain  ris  a'  chuan, 
gun  cheann  gun  chrioch.  Na'n  robh  Dia  deas 
gu  peacaidhean  dhaoine  a  chomharrachadh 
agus  na  'ra  b'  fhearr  leis  dioghaltas  na  maith- 
eanas  co  a  b'  urrainn  seasamh  'n  a  lathair  ? 
Ach  do  bhrigh  gu  bheil  tlachd  aige  ann  an 
trocair  faodaidh  peacaich  tighinn  thuige  le 
danachd,  oir  chan  e  mhain  gu  'n  toir  an 
teachd  thuige  faochadh  dhaibh  fein  is  sith, 
ach  bheir  e  gairdeachas  do  Dhia.  Car  son. 
mata,  a  chuireamaid  teagamh  no  amharus 
ann  an  ruintean  maithe  an  Tighearna  da  'r 
taobh  ?  Ma  threigeas  an  t-aingidh  a  shlighean 
agus  ma  philleas  e  ri  Dia  bheir  e  maitheanas 
dha  gu  saor  agiis  gu  pailt,  oir  is  toigh  leis 
trocair. 


Cagar  am  chluais 


1 


3 


Tha  cagar  am  chluais 
Air  a  ghiulan  a  nuas  o'n  aird. 
Air  osaig  beo-ghaoith 
Thar  uchdanan  urail  na  sl^int', 

Tha  cagar  am  chluais. 


0  anam  thoir  cluas — 
Cluinn  caithream  nam  buadh  is  an  ceol 
lad  a'  moladh  an  Uain 
A  bha  marbh,  agus  feuch  tha  E  beo, 

0  anam  thoir  cluas. 


0  anam  thoir  suil — 
Faic  an  Righ  air  a  clu'iinadh  an  gloir, 
Faic  feachdan  nan  neamh 
Ag  ard-aoradh  do  Righ  nam  beo, 

0  anam  thoir  siiil. 


0  anam  gabh  beachd, 
Tha  E  teachd  a  thoirt  breith  air  an  t-sluagh 
Le  ainglean  a  neirt, 
'S  le  ughdarras  fhlaitheanais  shuas, 

0  anam  gabh  beachd. 


Dean  aithreachas  luath 
Mu'n  pheacadh  tha  truailleadh  do  chridh', 
Duisg — duisg  as  do  shuain 
Mus  las  fearg  an  Uain  riut  am  binn, 

Dean  aithreachas  luath. 


Leis  an  Urratnach  Aomjlius  Maclainhair,  naeh  niaireann,  an  Druiin-na-drochaid 


Aireamh  6 


1942 


"  Ann  am  buanas  do  shlighe  sgithicheadh  thu  ;  ach  cha  dubhairt  thu,  Chan  'eil  dochas  ann ; 
fhuair  thu  beatha  do  laimhe ;    air  an  aobhar  sin  cha  d'fhannaich  thu.'' — Isaiah  Ivii.  10. 

Leis  an  Urramach  Aonghus  Boyd,  M.A.,  an  Druim-na-drochaid 


FAODAIDH  sinn  a  bhi  beachd-smuaineach- 
adh  air  tri  puingean  co-cheangailte  ris  na 
briathran  so,  (1)  An  da  bhuidheann  a  bha 
ann  an  Israel  ann  an  laithean  an  fhaidh, 
(2)  An  da  sheorsa  sgios,  agus  (3)  An  da 
sheorsa  dochais. 

(1)  Anns  a'  cheud  aite,  An  da  bhuidheann 
a  bha  ann  an  Israel.  Ged  nach  urrainnear 
sluagh  sam  bith  a  roinn  gu  h-eagnaidh, 
faodar  a  radh  gu  robh  da  bhuidheann  ann 
an  Israel  ann  an  laithean  an  fhaidh  direach 
mar  a  tha  'n  ar  measg  fhein.  Bha  ann  a' 
bhuidheann  ris  am  bheil  e  labhairt  's  a 
cheann-teagaisg.  Bha  iad  so  a'  deanamh 
aoraidh  do  dh'iodhalan;  daoine  saoghalta 
bha  annta ;  mi-rianail,  rag  nam  barail,  mar 
a  bhitheas  a  h-uile  neach  a  tha  air  seachran 
o  Dhia.  Bha  iad  mi-mheasail  'n  an  caitheamh- 
beatha,  agus  suarach  mu  gach  peacadh  a  tha 
toilltinn  fearg  agus  mallachd  Dhe.  Car  son 
a  bhitheadh  iad  ann  an  umhlachd  a'  feith- 
eamh  stiuraidh  o  Dhia  ?  Bu  leor  an  gliocas 
nadurra  air  son  gach  suidheachadh  a  choinn- 
icheadh  riutha.  Bha  iad  seolta  cuideachd. 
Bha  iad  cho  dichiollach  ann  an  seirbhis  nan 
iodhalan  agus,  ma  dh'fhaoidhte  mar  so, 
gu'm  biodh  daoine  creidsinn  gu  robh  iad 
na  b'fhearr  na  bha  iad. 

Buidheann  eile. 

Bha  buidheann  eile  ann  an  Israel,  iarmad 
mar  a  their  an  Fhirinn  riutha.  Bha  iad  so 
dileas  do'n  fhoillseachadh  a  fhuair  na 
h-athraichean  gu  minic  agus  air  iomadh 
doigh  o'n  Tighearna  's  an  aimsir  a  dh'fhalbh. 
Air  an  sgath-san  bha  Dia  foidhidinneach, 
agus  air  an  sgath-san  cha  d'thug  e  thairis 
Israel  gu  sgrios.  "  Mur  a  bitheadh  gu'n 
dh'fhag  Tighearna  nan  sluagh  iarmad  ro 
bheag  againn  's  ann  a  bhitheamaid  mar 
Shodom,  bhitheamaid  cosmhuil  ri  Gomorrah. " 

Mar  sin  anns  na  laithean  trioblaideach  's 
a  bheil  a'r  crannchur  tha  aobhar  aig  sluagh 
an  Tighearna  a  bhi  glacadh  misneach  mhor, 
oir  cha  d'thainig  atharrachadh  air  neart  an 
Uile-chumhachdaich,  agus  air  sgath  an 
treibhdhireas  fosglaidh  e  fhathast  dorus 
mar  anns  na  laithean  a  dh'fhalbh,  agus  's  e 
dorus  eifeachdach  a  bhitheas  ann.     Nuair  a 


bheannaicheas  D;a  saothair  iarmaid  a 
shluaigh,  air  cho  beag  's  'g  am  bi  i,  chan  'eil 
i  beag  na's  fhaide.  Mur  beannaich,  air  cho 
mor  's  'g  am  bi  i,  "  dhuinn  's  diomhain  bhi 
ri  moch-eirigh  's  an  oidhchA  ri  caithris 
bhuain." 

Bha  e  'n  a  chleachdadh  aig  mathair  nan 
Wesley s,  Iain  agus  Tearlach,  a  bhi  toirt  a 
thaobh  aon  fa  leth  de'n  teaghlach  a  h-uile 
feasgar  a  chum  a  bhi  leughadh  na  Firinn 
dhoibh.  Bha  an  teaghlach  mor  agus  iomadh 
ni  aice  ri  f  hrithealadh,  's  cha  bhiodh  lethsgeul 
duilich  fhaotainn.  'S  e  'n  t-ionnsachadh  6g 
an  t-ionnsachadh  boidheach,  agus  air  sgath 
oibre  chaomh  am  mathar  bheannaich  an 
Tighearna  na  Wesleys,  's  cha  robh  seirbhisich 
eile  aige  coltach  riutha  's  an  rioghachd  so 
'n  an  la. 

Tha  Dia  'g  ar  beannachadh  chan  ann  a 
mhain,  no  idir  ma  dh'fhaoidhte,  air  son  ar 
maitheas  fein  ach  air  sgath  treibhdhireas 
muinntir  eile,  oir  tha  sinn  air  fad  air  ar 
ceangal  suas  ann  an  ceanglachan  na  beatha. 
An  diugh  nach  'eil  na  seann  dachaidheah  ri 
cois  na  mara,  no  ri  aghaidh  nam  beann,  a' 
labhairt  ruinn  !  Nach  'eil  na  cnuic  's  na 
roidean  beaga  tarsuinn,  air  am  b'abhaist 
dhuinn  dol  leis  a'  chuideachd  mhor  gu  team- 
pull  Dhe  a'  labhairt  ruinn  !  Ma  dh'eisdeas 
sinn  bithidh  againn  solus  trath-maidne, 
meadhoin-latha,  agus  anns  an  fheasgar 
bithidh  solus  ann. 

Da  shedrsa  sgiths. 

(2)  Anns  an  dara  h-aite.  Mar  a  bba  da 
bhuidheann  ann,  bha  da  sheorsa  sgios  ann. 
Tha  sgios  comh-cheangailte  ri  suidheachadh 
ar  spioraid,  agus  ma  tha  ar  spiorad  a'  tuiteam 
sios  's  mor  an  t-eallach  a  bhitheas  ri  ghiiilan. 
B'abhaist  dhomh  bhi  tadhall  air  gille  6g  a 
bha  air  a  leon  's  e  ann  an  tigh-eiridinn  's  an 
Fhraing.  Chaochail  e  agus  thubhairt  an 
Dotair  rium  nach  b'e  chreuchdan  a  ghiorraich 
a  la  ach  gu  robh  e  sgith,  agus  gun  iarraidh 
aige  air  faotainn  na  b'fhearr. 

Air  an  laimh  eile,  nach  robh  miltean  anns 
gach  linn  aig  an  robh  crannchur  cruaidh 
ach  a  fhuair  neart  air  son  an  eallaich,  agus 
an  t-slighe  air  a  reiteachadh  nuair  a  chaidh 


iad  air  an  aghaidh  ann  am  misneach ! 
Bhuineadh  tuathanach  do'n  choimhthional 
agam  aon  uair  aig  an  robh  droch  ghabhail 
fearainn,  agus  air  an  robti  gnothaichean  gle 
chxuaidh,  ach  bha  e  'n  a  urachadh  a  bhi 
tadball  air.  Na'n  canainn  ris  an  am  buana 
"  nach  tana  goirid  an  coirce  tha  agaibh.  's 
a'  pb^irce  so,"  theireadh.  e,  "  Seallaibh  am 
barr  's  an  raon  ud  thall  's  e  tiiiteam  chun 
an  l^r  le  thruimead." 

Bithidh.  ar  ceum  aotrom,  seadh  aigeannach, 
ma  tha  sinn  a'  creidsinn  's  a'  faicinn  gur 
motha  m6r  na  tha  leinn  na  tha  'n  ar  n- 
aghaidh.  Bha  sgios  air  a'  mhuinntir  a  tha 
air  an  ainmeachadh  arms  a'  chearm-teagaisg, 
ach  cha  d'fhuair  iad  fiosrachadh  sam  bith 
uaithe.  Chuir  iad  rompa  ge  b'e  air  bith  a 
thachradh  nach  geilleadh  iad,  agus  tha  e 
coltach  gu'n  d'fhuair  iad  neart  tamull  beag 
co-dhiubh  bho'n  run  shuidhichte  so.  Bha 
iad  cruadalach  agus"s  e  so  an  ni  a  b'fhearr 
mu'n  timchioU.  Cha  d'thubhairt  iad  "  chan 
'eil  dochas  ann."  Bha  sgios  air  iarmad 
Israeil.  Bha  iad  iomadh  bliadhna  fo  dhaorsa 
ann  am  Babilon  is  iad  a'  guidhe  a  14  's  a 
dh'oidhche  gu'm  biodh  iad  'n  an  sluagh 
saor  a  ris.  Cha  robh  Dia  a  reir  choltais  ag 
eisdeachd,  agus  thubhairt  iad  's  am  misneach 
cha  mhor  'g  am  fagail  "  Tha  ar  coir  air  a 
leigeadh  air  dea,rmad  le  ar  Dia." 

Ach  tha  rim  sonruichte  ann  am  beachd 
Dhe  nuair  tha  e  leigeil  le  sheirbhisich  a  bhi 
airsnealach  is  fann.  Dh'fhosgail  e  slighe  do 
shluagh  Israeil  far  nach  do  shaoil  iad  agus 
fhuair  iad  saorsa  gun  bhuille  a  bhualadh  air 
a  son. 

Ann  an  eilean  Phatmos. 

Bha  an  t-abstol  Eoin  sgith  ann  an  eilean 
Phatmos.  Air  Ik  na  S^baid  fhuair  e  sealladh 
glormhor  air  losa  Criosd  ann  am  meadhon 
nan  coinnlearan  6ir,  agus  a  h-uile  cumhachd 
aige  air  neamh  agus  air  talamh.  'S  mor  a 
b'fhiach  e  an  t-saothair  dol  troimh  dhorch- 
adas  agus  sgios  gu  bhi  cinnteach  'n  an  deidh 
mu  chtu-am  agus  mu  chumhachd  an  t- 
Slanuigheir.  "  Thig  Dia  an  aire  's  chan  aire 
nuair  thig."  Chan  fh4g  e  sinn  far  am  fag 
ar  sgios  sinn.  Bha  iomadh  uair  eallach  oirbh 
's  a'  mhaduinn  mhoich  's  ann  an  dorchadas 
na  h-oidhche.  Am  priobadh  na  siila  dh'fhag 
e  sibh.  Dh'fhairich  sibh  e  falbh.  'S  e  lamh 
Dhe  a  thog  dhibh  e  's  cha  do  chuir  e  dragh 
oirbh  tuille.  B'  fhiach  e  an  t-saothair  an 
t-eallach  a  ghiulan  oir  fhuair  sibh  fiosrachadh 
mu  choibhneas-graidh  agus  mu  churam  Dhe. 

Tha  an  t-slighe  fada  is  an  rathad  carrach 
aig  an  km  so,  is  bithidh  iomagain  oirnn  mu 
ar  dtithaich  agus  mu  aobhar  Dhe.     Tha  an 


Fhirimi  'g  ar  deanamh  cinnteach  gur  ann 
aig  Dia  a  bhitheas  am  facal  mu  dheire^dh  's 
chan  ann  aig  na  daoine  cuilbheartach,  oillteil, 
a  thog  an  lamhan  'n  a  aghaidh.  Bithidh 
curam  oirnn  mu  ar  cairdean  a  tha,  ma 
dh'fhaoidhte,  a'  seoladh  a'  chuain.  Tha 
lathaireachd  Dhe  ann  an  sin.  Tha  am 
Biobull  ag  radh  "  Do  cheuman  tha  's  an 
doimhneachd  mhor ;  do  shlighe  tha  's  a' 
chuan. ' '  Bithidh  ctiram  oirnn  mu  ar  cairdean 
a  tha  siubhal  ard  's  an  adhar,  ach  tha  Focal 
Dhe  ag  radh 

"  Neul  OS  an  ceann  do  sgaoil  e  mach 
Mar  bhrat  no  ciiirtein  mor." 

Bithidh  ciiram  oirmi  mu  ar  cairdean  faisg 
oirnn  no  fada  bhuain,  ach  tha  e  sgriobhta 

"  Ceart  mar  a  ta  na  beannta  trie 
Timchioll  lerusaleim. 
Mar  sin  tha  Dia  a  nis  gu  sior 
timchioll  a  phobuill  fein." 

(3)  'S  an  treas  kite.  Dk  sheorsa  dochais. 
Ged  a  bha  iad  sgith,  cha  d'thubhairt  daoine 
aingidh_  a  chinn-teagaisg  "Chan  'eil  dochas 
ann."  Bha  iad  a'  tarruing  an  dochais  bho 
an  neart  fein,  am  buadhan  fein,  agus  bho 
ghliocas  saoghalta,  direach  mar  a  tha  na 
Gearmailtich.  Tha  an  dochas-san  anns  an 
t -sealladh  a  thug  an  droch  spiorad  dhoibh, 
rioghachdan  an  domhain  is  an  gloir  fo  an 
casan.  Agus  nach  oillteil  na  meadhonan  tha 
iad  a'  cleachdadh  gu  bhi  toirt  so  mu'n 
cuairt.  A  dh'  oidhche  is  a  latha  tha 
iad  a'  lionadh  an  adhair  os  ar  cionn  le 
mealltaireachd  mhallaichte  agus  a'  fagail 
eucoir,  geur-leanmhuinn,  agus  sgrios  anns 
gach  aite  anns  an  seas  am  bonn.  Rioghachdan 
an  domhain  is  an  gloir  bho'n  casan.  Sin, 
mata,  an  dochas,  no  an  riin  a  tha  aig  na 
daoine  borb,  aingidh  so,  ach  chan  'eil  ann 
ach  faoin  dhochas  a  tha  air  a  thogail  air  a' 
ghainneamh.  Seasaidh  e  car  iiine  gus  an 
tig  na  tuiltean  agus  an  seid  na  gaothan. 
Ann  an  sin  tuitidh  e,  agus  bithidh  a  thuiteam 
mor. 

Ar  ddchas  ann  an  Dia. 

Air  an  laimh  eile  a  thaobh  an  dochais  tha 
sinne  ag  altrum  tha  sinn  a'  creidsinn  gu 
bheil  e  comh-cheangailte  ri  fireantachd, 
ceartas,  agus  toil  Dhe.  Tha  full  dhaoine 
neo-chiontach  feadh  fad  is  farsuingeachd 
na  Roinn  Eorpa  ag  glaodhaich  ri  Dia,  agus 
an  uair  a  thig  an  t-am  a  sheideas  esan  an 
trompaid  bithidh  cumhachd  nan  uaibhreach 
air  a  thoirt  gu  neo-ni.  Tha  na  laithean  so  a' 
glaodhach  ruinn  uile  ar  dochas  a  chur  annsan 
a  mh^in.  Tha  guth  Dhe  trid  ^mhghairean 
a'   chinne-daonna   a'  labhairt  ris  gach  aon 


URNUIGH  BALAICH 


againn  a  bhi  feitheamh  air-san  ann  an 
tirnuigh,  agus  fosglaidh  e  slighe  far  nach 
fhaic  sinne  slighe  an  diugh,  agus  chi  riogh- 
achdan  an  domhain  uile  a  ghloir. 

Agus  nach  oirdhearc  gach  dochas  a  dh'- 
f  haodas  a  shluagh  fein  a  bhi  "g  altrum  !  Cha 
dochas  faileasach  a  h-aon  diubh,  agus  's  e 
steidh  gach  dochais   geallaidhean  siorruidh 


neo-chaochlaideach  Dhe.  So  agaibh  aon 
dhiubh  a  tha  aoibhneach  anns  na  l^ithean 
deuchainneach  so  "  Nuair  a  shiubhlas  tu 
troimh  na  h-uisgeachaibh  bithidh  mise  maille 
riut,  agus  troimh  na  h-aibhnichibh  cha  teid 
iad  tharad.  An  uair  a  dh'imicheas  tu  troimh 
an  teine  cha  loisgear  thu,  agus  cha  dean  an 
lasair  greim  ort." 


Urnuigh  Balaich 

''  Cum  SlUCAR  AIB.  " 

Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsain,  M.A.,  Tigh-an-uillt 


ANN  an  tigh  croiteir  araidh,  an  eilean  beag 
fad  an  iar,  bha  teaghlach  aoibhneach  niliac 
a'  comhnuidh  le'm  parantan.  Anns  an 
dachaidh  bhl^th  ud  bha  gean  is  gaire  agus 
gach  eisimpleir  a  b'fhearr  na  cheile.  Bhiodh 
an  t-athair  gach  oidhche  mu'n  gabhadh  iad 
mu  thamh  a'  cuartachadh  an  aoraidh  anns 
an  t-seann  doigh.  A  thuilleadh  air  sin, 
dh'fheumadh  gach  fear  aca  Urnuigh  an 
Tighearn  a  ghabhail  mu'n  rachadh  e  do'n 
leabaidh. 

Bha  cuid  dhiubh  air  tighinn  gu  ire  mu'n 
do  bhris  an  cogadh  mor  so  a  mach,  agus  an 
do  chuir  e  a  sgleothan  dorcha  thairis  air 
iomadb  dachaidh  is  teaghlach  feadh  na 
rioghachd.  B'eudar  do  na  mic  sin  an 
dachaidh  fhagail  'n  an  deidh  is  dol  a  mach 
a  dhion  na  rioghachd. 

Am  mac  a  b'oige. 

Cha  robh  am  mac  a  b'oige  ach  mu  sheachd 
bliadhna  dh'aois  aig  an  am,  agus  bha  e 
anabarrach  gaolach  air  rudan  mills.  Bhiodh 
a  mhathair  a'  toirt  dha  gle  thric  ceathramh 
bonnaich  le  im  ur  is  crathadh  math  siixcair 
air  uachdar.  An  iiine  ghoirid,  dh'fhas  an 
siucar  cho  gann  's  nach  b'urrainn  i  na 
b'fhaide  crathadh  dheth  a  chur  air  mir  a' 
bhalaich,  is  bha  e  'g  a  ionndrainn  gle  mhor. 

Bha  e  air  a  theagasg  dhaibh  le'm  parantan 
gur  e  Dia  a  bha  cur  gach  bidh  is  eudaich 
agus  gach  sochair  eile  air  daoine.  Uime  sin, 
'n  a  inntinn  fein  's  ann  air  Dia  agus  chan  ann 
idir  air  Hitler  a  bha  am  balach  beag  a'  cur 
na  coire  air  son  gainnead  an  t-siiicair. 

Aon  oidhche  nuair  bha  e  dol  a  chadal  bha 
athair  ag  eisdeachd  ris,  gun  fhios  da,  aig 
dorus  an  t-seomair  's  e  air  a  ghluinean  aig 
taobh  na  leapa  a'  gabhail  Urnuigh  an 
Tighearna.  Nuair  rainig  e  na  briathran  so 
"  Tabhair  dhuinn  an  diugh  ar  n-aran  lathail," 
thuirt  e  "  Tabhair  dhuinn  an  diugh  ar  n-aran^ 
lathail  agus  cuir  siiicar  air." 


Nuair  thoisich  mise  air  smuaineachadh 
thairis  air  briathran  a'  bhalaich  thug  mi 
fanear  gu  bheil  teagasg  annta  air  son  iomadh 
neach,  agus  mar  sin  smuainich  mi  gu'n 
gabhainn  iad  mar  cheann-teagaisg.  Tha 
iomadh  aite  agus  suidheachadh  ann  am 
beatha  gach  aoin  againn  nuair  tha  sinn 
fein  no  each  a'  glaodhaich  a  mach  am 
briathran  a'  bhalaich  bhig,  "  cuir  siticar 
air." 

Siilicar  air  nithean  searbha. 

Bho  chionn  beagan  bhliadhnachan  air  ais 
nuair  bhiodh  clann  a'  gearan  le  ceann  goirt 
no  le  droch  stamac  cha  robh  leigheas  aim 
dhaibh  ach  Ian  na  dha  spaine  de  "  chastor 
oil  "  mar  thigeadh  e  as  a'  bhotul,  agus  gle 
thric  cha  mhor  nach  b'fhearr  leo  oradh  cinn 
is  cuirp  fhulang  seach  an  "  castor  oil  "  61. 
Nuair  chitheadh  iad  a  bhi  'g  a  thomhas 
bhiodh  di'och  dhrein  orra  is  uisge  glas  a' 
tighinn  bho'm  fiaclan. 

Ri  tim  thuig  luchd  -  nan  -  cungaidhean  - 
leighis  mar  bha  a'  chilis,  agus  thoisich  iad 
ri  slige  de  shiiicar  a  chur  air  na  rudan  a 
bha  searbh  ri'n  gabhail.  An  diugh  chan  'eil 
stri  aig  a'  bheag  no  aig  a'  mhor  'n  an  cur 
thairis.  Nuair  tha  rud  searbh  ri  ghabhail 
tha  na  h-uile  a'  glaodhaich  "  cuir  siticar  air." 

Tha  uachdarain  na  rioghachd  agus  luchd- 
nam  -  paipearan  -  naidheachd  ris  a'  cheart 
chleas  nuair  bhios  iad  air  son  nithean 
searbha  fhalach  air  an  t-sluagh  agus  cha 
saoil  iad  an  sin  gu  bheil  cuisean  idir  cho 
dona  's  a  tha  iad. 

Bidh  cuimhne  aig  gach  neach  a  leughas  na 
briathran  so  air  ar  suidheachadh  aig  toiseach 
a'  chogaidh  so.  Bhitheamaid  a'  leughadh  cho 
cumhachdach  's  a  bha  arm  na  Frainge  agus 
cho  ullamh  's  a  bha  iad  air  son  cogaidh. 
Bha  gearasdain  criche  oir  ri  oir  eadar  iad 
fein  's  na  Gearmailtich  agus  bha  pailteas  de 
ghunnachan  de  gach  se6rsa  aca  annta.     A 


URNUIGH  BALAICH 


reir  am  beachd  fein,  cha  robh.  namhaid  air 
an  t-saoghal  a  gheibheadh  trompa.  Bha  an 
naidheachd  air  a  deanamh  cho  dealbhacb 
agus  cho  milis  anns  na  paipearan-naidheachd 
agus  gu'n  do  shluig  sinne  i  gun  stri  's  am 
bith. 

Ach  an  iiine  ghoirid,  bhruchd  armailtean 
na  Gearmailte  mar  thuil  air  muin  nam 
Frangach,  is  chaidh.  iad  trompa  mar  gu'n 
rachadh  sgian  troimh  im  air  cloich  theth. 
An  diixgh  tha  fhios  againn  uile  nach  e  am 
port  a  bha  na  Frangaich  a'  chiich  a  bha  iad 
a'  dannsadh  idir.  Bha  sinne  air  ar  mealladh 
le  briathran  milis  nan  daoine  a  bha  a' 
glaodhaich  aird  an  claiginn  anns  na  paip- 
earan-naidheachd "  cuir  siucar  air." 

Cha  b'e  sin,  crioch  a'  ghnothuich  idir  oir 
tha  cuimhne  agaibh  mar  bha  sinn  a'  leughadh 
mu  na  miltean  's  na  muilleanan  a  chaidh  a 
chosg  air  gearasdan  Singapore.  Bha  uach- 
darain  na  rioghachd  is  seanalairean  ainmeil 
ag  innseadh  dhuinn  cho  laidir  's  a  bha  an 
gearasdan  sin:  theireadh  iad  gu'm  biodh  e 
gorach  do  ghillean  Mhikado  a  dhoi  'n  a 
aghaidh  oir  gu'm  biodh  iad  'n  an  cuirp  mu'm 
faigheadh  iad  faisg  air  mile  dha.  Ged  mheall 
na  briathran  milis  sin  na  daoine  geala  cha 
do  mheall  iad  idir  na  daoine  buidhe.  Tha 
bhuil  ann  an  diugh  ! 

Am  taghaidh  ball  Parlamaid. 

An  robh  thu  riamh,  a  leughadair,  ag 
eisdeachd  ri  fear  a  bhiodh  a'  feuchainn  ri 
faighinn  a  steach  'n  a  bhall  do  Pharlamaid 
na  tire  aig  am  taghaidh  ?  Bhiodh  e  dol  a 
dheanamh  gnothuichean  mora,  chum  leas  an 
t-sluaigh,  'n  a  dhoigh  fein.  Bhiodh  e  a' 
gealltainn  rathaidean  mora  ura  a  dheanamh 
troimh  mhonadh  is  ghleann,  bataichean 
luatha  a  thogail  's  a  chur  air  saile  chum 
nan  Eileanan,  ceadhachan  ura  a  thogail 
thall  's  a  bhos  anns  na  baigh,  tiodblacan 
airgid  a  thoirt  an  drasd  's  a  rithist  bho'n 
Chrtm  do  chroitearan  's  do  iasgairean. 

Gle  thric  rachadh  am  fear  bu  mhotha 
ghealladh  a  chur  a  steach  le  guth -taghaidh 
an  t-sluaigh,  ach  cha  bhiodh  an  corr  mu 
dheidhinn.  Rachadh  na  balaich  'n  am 
bodaich  ach  cha  rachadh  na  geallaidhean  a 
choimhlionadh. 

Bha  mise  uair  aig  coinneamh  ann  an 
eilean  far  an  robh  geallaidhean  mora  mar 
sud  air  an  toirt  seachad  aig  am  taghaidh. 
Bha  ionghnadh  orm  nach  robh  na  bha 
l^thair  a'  bualadh  am  boisean  le  aoibhneas 
oir  bha  an  teachdaireachd  gealltanach  milis. 
Nimir  thug  am  fear-labhairt  seachad  a  h-uile 


gealladh  a  b'  urrainn  e  shuidh  e.  Dh'eirich 
an  sin  fear  de  na  bodaich  choire  bha  lathair, 
cho  socair  modhail  mar  gu^m  biodh  e  ag 
eirigh  's  a'  choinneamh-iirnuigh  no  air  a' 
Cheisd,  ach  leig  e  fhaicinn  nach  robh  e  fein 
no  each  a'  dol  a  bhi  air  am  mealladh  na 
b'fhaide  le  briathran  milis.  "  Tha  sinne," 
ars  esan,  "cho  eolach  air  na  geallaidhean 
sin  's  a  tha  sinn  air  a'  bhuntata  's  air  an 
sgadan."  (Mo  thruaighe  !  tha  an  sgadan  fein 
an  diugh  cho  gann  mu  thuath  's  a  tha  na 
h-uibhean  mu  dheas.)  Shaoil  na  bodaich 
nach  robh  an  so  ach  guth  eile  a'  glaodhaich 
anns  an  eilean,  "  cuir  siiicar  air." 

Siucar  'g  a  chur  air  an  olc. 

Tha  na  briathran  so  anabarrach  fior  mar 
an  ceudna,  a  thaobh  nithean  spioradail. 
Gle  thric  's  ann  le  briathran  milis  a  tha  an 
duine  air  a  bhuaireadh  gus  an  t-olc  a  dhean- 
amh. Nuair  dh'fhosglas  tu  am  Biobull  aig 
an  fhior  thoiseach  chi  thu  gur  ann  le  briathran 
milis  a  bha  a'  cheud  fhear,  Adhamh,  air  a 
thoirt  a  thaobh  ann  an  Garadh  Eden,  far 
an  robh  e  cho  sona  le  mhnaoi  Eubha. 

Cha  robh  ni  aige  ri  dheanamh  ach  saoth- 
raicheadh  's  a'  gharadh  agus  a  ghleidheadh. 
Ach  cha  do  mhair  sin  fada.  Thainig  an 
nathair  far  an  robh  a'  bhean  agus  tboisich  i 
air  comhradh  rithe.  Dh'fhaighnich  e  dhith 
an  robh  cead  aca  air  measan  nan  uile  chraobh 
a  bha  's  a'  gharadh  itheadh  agus  thuirt 
Eubha  gu  robh  ach  aon  te  a  bha  ann  am 
meadbon  a'  gharaidh,  agus  'n  an  itheadh 
iad  am  meas  sin  gu'm  faigheadh  iad  bas. 
Thoisich  an  nathair  air  a  mealladh  le  briath- 
ran milis,  agus  thuirt  i  gu  robh  i  cinnteach 
nach  faigheadh  iad  bas  ged  dh 'itheadh  iad 
am  meas.  Mu  dheireadh  chreid  Eubh  i  agus 
thoisich  i  air  am  meas  toirmisgte  itheadh 
agus  bha  e  milis  do'n  bhlas. 

Na'm  biodh  tu  air  cul  a  Gharaidh  chluinn- 
eadh  tu  comhradh  car  mar  so  eatorra, 
"  Feuch  thusa  e  Adhamh,"  ars  ise,  "  cha 
d'fheuch  thu  meas  riamh  cho  milis  ris  agus 
a  thuilleadh  air  sin  fosglaidh  e  do  shmlean 
na's  motha  na  tha  iad,  's  bidh  fiosrachadh 
agad  nach  robh  roimhe  agad.  Mu  dheireadh 
thall  gheill  e,  is  dh'ith  e  am  meas  toirmisgte 
agus  rinn  e  duine  truagh  dheth. 

iSTuair  thug  Dia  an  aghaidh  air  a'  mhnaoi 
air  son  mar  a  rinn  i  's  e  am  freagradh  a  thug 
i  dha  "Mheall  an  nathair  mi  agus  dh'ith 
mi."  An  sin  chaidh  an  sgiiirsadh  le  clieile 
a  mach  as  a'  Gharadh.  Chuir  an  nathair 
siucar  air  an  olc  is  bha  e  daor  dhaibh  fein 
agus  do  chacb. 


URNUIGH  BALAICH 


Broch  companaich. 

Tha  so  fior  mar  an  ceudna  a  thaobh 
dhroch  chompanach.  Chan  'eil  ni  air  an 
t-saoghal  cho  math  ri  deagh  chompanach 
oil'  faodaidh  tu  earbsa  a  chur  ann  aig  a 
h-uile  am  agus  anns  a  h-uile  aite.  Ach  nach 
'eil  e  fior  gu  bheil  droch  dhaoine  gle  thric 
briathrach  milis  agus  tha  e  buailteach  gu'n 
toir  iad  daoine  socharach  a  thaobh.  Cuiridh 
iad  gu  leor  de  shiucar  air  gach  olc  is  bithidh 
moran  air  am  mealladh. 

Tha  mi  cinnteach  gur  ann  mar  sin  a 
dh'eirich  do'n  ghille  6g  a  dh'fhag  tigh  athar 
's  a  chuir  aghaidh  air  an  diithaich  a  bha 
fad  as.  Thachair  an  sin  moran  uilc  air,  is 
bha  am  briathran  cho  milis'  s  gu  robh  Ian 
dull  aige  gu  robh  e  am  measg  chairdean. 

Thoisich  iad  ri  siucar  a  chur  air  an  olc 
agus  thug  iad  a  chreidsinn  air  gu'm  biodh 
e  air  a  chunntas  'n  a  dhuine  fad  air  ais  mur 
deanadh  e  a  leithid  's  a  dheanadh  iadsan. 
Cha  bu  toil  leis  gu'n  saoileadh  neach  air 
bith  sin :  cha  robh  toll  a  dheanadh  iadsan 
nach  cuireadh  esan  tarung  ann.  Mu  dheireadh 
thall  nuair  chaith  e  na  bh'aige  chuir  iad  ciil 
ris.  An  sin  thuig  e  c6  bh'aige.  Cha  robh 
an  t-olc  cho  milis  air  a'  cheann  mu  dheireadh, 
ach  bha  an  cron  deanta. 

"  Is  beannaichte  an  duine  sin  nach  gluais 
An  comhairle  nan  daoi, 
An  slighe  fhiar  nam  peacach  baoth, 
'N  a  sheasamh  fos  nach  bi." 

Droch  leabhraichean. 

Tha  sgriobhaichean  beo  'n  ar  lath  a  fein  a 
bhios  a'  cur  a  mach  leabhraichean  air  son 
daoine  a  mhealladh,  gu  sonruichte  an  f  headh- 
ainn  a  tha  6g  gorach,  agus  tha  iad  a'  toirt 
orra  a  chreidsinn  gu'n  teid  aca-san  air  iuchair 
a  thoirt  dhaibh  a  dh'fhosglas  an  dorus  gu 
saoghal  an  t-sonais  agus  gu  neamh  air  thal- 
amh.  Tha  na  geallaidhean  a  tha  iad  a'  toirt 
seachad  cho  milis  is  tha  feadhainn  de  na 
leughas  iad  air  am  buaireadh  agus  air  am 
mealladh. 

Tha  na  sgriobhaichean  sin  a'  teagasg  nach 
ruig  daoine  a  leas  cluas  a  thoirt  do  na  bhios 
iad  a'  leughadh  anns  anFhirinntimchioll  air 
solasan  diomain  feolmhor,  agus  nach  'eil  e 
mar  fhiachaibh  air  daoine  lagh  Mhaois  a 
choimhead  an  diugh ;  nach  'eil  ann  ach  sean 
sgeul  gun  fheum  agus  gun  bhfigh. 

Their  iad  gu'm  bi  ministeirean  a'  cur  eagail 
air  daoine  a'  bruidhinn  air  peanas  a'  pheac- 


aidh  ach  nach  ruig  iad  a  leas  oir  gur  ann 
do'n  aon  aite  a  theid  na  h-uile  air  a'  cheann 
mu  dheireadh,  agus  nach  aithnichear  's  an 
latha  sin  an  t-ionracan  seach  an  t-aingidh. 
Tha  iad  a'  deanamh  na  slighe  gu  neamh 
cho  furasda  do  gach  peacach  agus  tha  moran 
'g  an  creidsinn  a  chionn  gu  bheil  am  briathran 
taitneach  is  milis. 

Feumaidh  sinn  aideachadh  gu  robh  moran 
anns  an  rioghachd  againn  fein,  agus  an 
rioghachdan  eile  mar  an  ceudna,  a  bha 
tighinn  beo  a  reir  an  teagaisg  so,  mu'n  tainig 
an  cogadh  mor  so  air  an  t-saoghal.  Cha 
robh  guth  air  Dia  no  air  creideamh  ach  ith, 
61,  agus  bi  subhach.  Bha  h-uile  ni  cho  milis, 
's  bha  iad  an  duil  gu'm  maireadh  e  mar  sin 
gu  brath. 

Briathran  gun  siucar. 

A  dh'aindeoin  briathran  milis  tha  e  air 
innseadh  dhuinn  gu  soilleir  gu'm  feum  sinn 
uile  seasamh  an  lathair  cathair  breitheanais 
Dhe  agus  cunntas  a  thoirt  as  na  rinn  sinn 
air  an  talamh.  Anns  an  latha  sin  feumaidh 
gach  neach  seasamh  air  a  shon  fein.  Ma  tha 
neach  air  bith  a'  smuaineachadh  gur  i  an 
aon  chrioch  a  bhios  aig  na  h-uile,  agus  gur 
ann  air  an  aon  dorus  a  theid  iad  a  steach 
leughadh  e  na  briathran  so,  "  Imichibh  a 
steach  air  an  dorus  chumhann  oir  is  farsuinn 
an  dorus  agus  is  leathann  an  t-slighe  a  ta 
treorachadh  chum  sgrios  agus  is  lionmhor 
iad  a  ta  dol  a  steach  oirre." 

"  Ach  is  cumhann  an  dorus  agus  is  aimh- 
leatharui  an  t-slighe  a  ta  treorachadh  chum 
na  beatha  agus  is  tearc  iad  a  ta  ag  amas 
oirre." 

Thig  e  do  gach  neach  a  bhi  'n  an  earalas 
nuair  chluinneas  iad  neach  a'  deanamh  na 
slighe  gu  neamh  furasd  is  farsuinn.  Chan 
'eil  an  sin  ach  guth  eile  a'  glaodhaich  "  Cuir 
siucar  air." 

Tha  iomadh  tobar  ri  taobh  na  slighe  air 
a  bheil  sinn  uile  ag  imeachd  agus  tha  cuid 
dhiubh  Ian  de  uisge  milis  agus  olaidh  moran 
asda,  ach  chan  'eil  ann  ach  aon  tobar  a 
mhain  a  shasuicheas  anamanna  tartmhor 
neo-bhasmhor,  Tobar  na  Beatha. 

"  Tobar  na  beatha  tha  gu  dearbh 
Agad-sa  Dhia  nan  dul ; 
Is  ann  ad  sholus  dealrach  glan, 
Chi  sinne  solus  iuil." 


An  t-Ard  OUamh 
Seumas  MacGille  Mhicheil  MacBhktair 

Leis  an  Urramach  Uilleam  Mac  Mhathain,  M.A. 


A  DH'AIjNDEOIN  gach  beum  ghoirt  a  rug 
oirnn  ri  linn  a'  chogaidh  dholasaich  so,  cha 
robh  aon  a  r^inig  sinn  na  b'fhaide  mar 
Ghaidheil  na  bas  Sheumais  Mhic  Gille 
Mhicheil  Mhic  Bhatair  anns  a'  Mhuir 
Mheadhon-thirich,  's  e  a'  seoladh  an  cabhlach 
an  Righ.  Bha  a  bheatha  luachmhor  ann  an 
tomhas  sonraichte,  agiis  tha  e  nis  air  a 
ghearradh  as  an  tus  a  latha  's  an  toiseach 
a  shaothair. 

Cha  ruig  mise  leas  luaidh  a  dheanamh  air 
a  bhiuthas  ihar  sgoileir,  no  air  a  liuthad 
onair  agus  duals  a  choisinn  e  's  an  fhoghluni. 
Chaidh  sin  a  chur  fada  is  farsuing  a  cheana. 
Is  leor  e  ri  radh  gu  robh  e  lan-airidh  air  gach 
iirram  a  chuireadh  air  agus  air  an  ard-inbhe 
a  thugadh  dha.  Tha  sgoileirean  oga  Gaidh- 
ealach  eile  'n  ar  measg,  agus  is  math  gu 
bheil,  ach  bha  lad  uile  ag  amharc  ris-san 
mar  cheannard  agus  fhear-itiil.  Grainne- 
mullaich  na  deise,  b'e  sin  esan;  agus  nach 
minic  e  a'  tachairt  gur  e  sin  am  fear  a 
fhroisear  air  falbh  ri  gailleann  is  an-uair. 
Is  leir  e  ri  fhaicinn  anns  an  latha  's  am  bheil 
sinn  beo. 

Bha  eolas  agamsa  air  Seumas  Mac  Bhatair 
bho  bha  sinn  's  an  Oilthigh  car  mu'n  aon 
am.  Tha  mi'n  diiil  gur  h-ann  aig  coinneamhan 
Gaidhealach  a  bhiodh  againn  an  sin  a  chunn- 
aic  mi  an  toiseach  e.  Cha  mhor  a  shaoileadh 
air,  'g  a  chluimitinn  a'  deasbud  an  G^idhlig, 
gur  h-ann  's  a'  bhaile-mhor  a  fhuair  e  arach. 
Ach  tha  fhios  gum  bu  dual  da  an  comas  sin 
a  bhith  aige  a  thaobh  athar  agus  mathar. 
Math  dh'fhaoidte  nach  robh  e  cho  smaoin- 
shiubhlach  anns  a'  Ghaidhlig  ri  fear  a  bha 
fad  a  beatha  ri  tuath  no  ri  iasgach  mu 
chorsaichean  an  iar  na  h-Alba — co  againn 
a  bha  iiine  sam  bith  air  Ghalldachd  as 
urrainn  a  radh  gu  bheil  sinn  sin  ?  Ach  a 
thaobh  sgoileireachd  bu  mhac  mar  an 
t-athair  e,  agus  faodar  a  radh  umpa  le 
cheile  nach  'eil  an  aicheadh  beo  's  an 
dtithaich  an  diugh.  Nam  bithinn-sa  ann 
an  teagamh  mu'n  fhacal  cheart  tha  mi  ag 
creidsinn  gu  ruiginn  aon  de  na  seann  eolaich 
an  Uibhist  ach  rathad  a  bhith  agam  air  sin 
a  dheanamh:  nam  bithinn  air  son  soilleir- 
eachadh  fhaotainn  air  cxir  son  a  bha  e  ceart 
bu  mhath  leam  mo  chomhairle  a  chur  ri 
sgoileir  mar  bha  Seumas  Mac  Bhatair. 


Dh'fhag  e  dearbhadh  buan  air  a  sgoileir- 
eachd anns  an  t-saothair  iongantaich  a  rinn 
e  ann  an  iiine  cho  gearr.  Chuir  e  a  cheud 
leabhar— bardachd  Mairi  nighean  Alasdair 
Ruaidh — a  mach  aig  aois  coig  bliadhna 
fichead.  Thainig  am  fear  mu  dheireadh — 
anns  an  t-seann  Ghaidhlig  Eireannaich — am 
follais  am  Baile  Atha-Cliath  air  an  dearbh 
latha  a  bha  naidheachd  a  bhMs  anns  na 
paipearan  Eireannach.  A  thuilleadh  air  sin, 
thug  e  dhuinn  da  leabhar  eile  dhe  na  h-6rth- 
achan  Gaidhealach  {Carmina  Qadelica)  a 
chruinnich  a  sheanair,  an  t-Ollamh  Alasdair 
Mac  Gille  Mhicheil.  Chan  'eil  teagamh  nach 
e  so  an  t-saothair  bu  dlMthe  d'a  chridhe  dhe 
na  rinn  e  uile.  Chunnaic  mi  e  'n  a  luib,  agus 
is  gann  gun  gabh  e  creidsinn  na  chuireadh 
e  as  a  dheaghaidh :  an  da  leabhar  a  dh' 
ainmich  mi  agus  leabhar  tomadach  eile  gu 
ire  bhig  ullamh  air  son  a'  chlo;  agus,.  sin 
uile  an  taobh  a  stigh  de  aon  bhliadhna. 
Saoilidh  mi  a  nis  gur  h-ann  a  bha  e  mar 
neach  a  fhuair  ros  air  gu  robh  a  mhanadh 
a  mach  agus  gum  bu  mhithich  an  obair  a 
bhuileachadh  mun  diobradh  an  cothrom. 
Co  dhitibh  as  ann  mar  sin  a  bha  no  nach 
ann,  rinn  esan  deagh  fheum  de  gach  cothrom 
a  fhuair  e. 

Bhiodh  e  iomchuidh  a  thoirt  fa-near  nach 
do  stad  a  shaothair  idir  aig  na  rinn  e  dha 
f  hein.  Bha  e  air  leth  easgaidh  gu  comhnadh 
a  dheananih  le  muinntir  eile.  Cha  robh  aon 
de  na  leabhraichean  a  chuireadh  a  mach  le 
Comunn  Litreachais  -na  h-Alba  anns  nach 
robh  Ikmh.  aige.  Bha  an  t-uallach  air  an 
deanamh  saor  bho  mhearachdan  a  cheart 
cho  mor  's  ged  a  b'e  ainm  fhein  a  bha  ri 
dhol  riutha.  Agus  's  e  a  b'adhbhar  da  sin 
nach  e  a  chliti  fhein  a  bha  aige  's  an  amharc 
ach  cliu  a  dhaoine 

Bha  iomadh  buaidh  air  a  thuilleadh  air 
a  dhealas.  Ma  bha  e  dion  air  obair,  bha  e  aig 
a'  cheart  am  mean — c6  againn  a  bha  cho 
mean  ris  ?  Bha  e  geurchuiseach  am  breith- 
neachadh  le  eolas  farsuing  air  a  chM.  Agus 
gu  seachd  sonraichte  bha  a'  bhuaidh  ri 
fhaicinn  ann  a  bha  na  Greugaich  o  shean  a' 
moladh  thar  gach  buaidh,  agus  's  e  sin 
cuimse — ni  a  tha  an  crochadh,  chan  ann 
air  a  bhith  'gar  cumadh  fein  ris  a'  mhor- 
shluagh,  ach  air  a  bhith  dileas  do'n  t-sealladh 
as  airde  a  thugadh  dhuinn. 


SEUMAS  MACGILLE  MHICHEIL  MACBHATAIR— "  ORDUGH  UR  HITLEIR  "    7 


An  deidh  sin  's  na  h-uile,  ar  learn  nach 
ann  mar  sgoileir  as  motha  a  bhios  cuimhne 
aig  a  luchd-eolais  air  idir.  Tha  cuid  de 
sgoileirean  ann  a  tha  air  an  cuingelachadh 
cho  mor  ris  an  raon  bheag  aca  fhein  's  nach, 
'eil  moran  uidh  aca  ann  an  ni  sam  bith  eile. 
Cha  b'ann  diubh  sin  esan.  Dh'aithnichte  air 
a  sheanchas  gum  b'fharsuing  a  lionsgaradh. 
Th^  cuimhne  agam  oidhche,  's  sinn  ann" 
comhlan,  gun  do  dh'eirich  conaltradh  air 
dhoigh  air  choireigin  mu  dhiadhaireachd, 
agus  gun  tug  e  tarraing  air  teagasg  cuid  de 
na  h-ughdair  mar  neach  a  rinn  leughadh 
agus  a  bheachdaich  gu  naath  air  na  leugh  e. 
Agus  rud  eile.  Tha  feadliainn  de  sgoileirean 
ann  a  tha  cho  diir  an  sas  arms  a'  bhun-obair 
's  nach  'eil  fearas-chuideachd  air  an  talamh 
annta.  Ach  cha  b'e  sin  dhasan  e ;  b'fhada 
a  ghabh  e  uaith.  Cha  robh  cuideachd  anns 
am  bitheadh  e  air  nach  cuireadh  e  gean,  agus 
sin  gun  sparraig  gvin  bhoilich.  Faodar 
aimneachadh  gu  robh  cluas-chiiiil  bharraichte 
aige,  agus  bu  sholasach  a  chluinntinn  ag  cur 
ceol  G^idhealach  air  a'  phiano.  Agus  cha 
robh  an  sin  ach  aon  de  na  gibhtean  taitneach 
a  bha  a'  fks  ris. 


Chan  iongnadh  sinn  a  bhith  'ga  chaoidh. 
Mac-samhail  an  fhior  Ghaidheil,  daicheil  'n 
a  phearsa,  siobhalta  'n  a  dhoigh^ — is  cian  a 
shiubhlas  sinn  mu  faic  sinn  a  leithid,  agus 
is  iomadh  latha  a  bhios  mothachadh  againn 
air  meud  ar  diobhail.  Chaill  an  Oilthigh  an 
Dun-eideann  oide-ionnsachaidh  cho  acfhuin- 
neach  's  a  bha  innte.  Chaill  a'  Ghaidhlig 
fior  ursann-chatha  agus  fhear-tagraidh — 's 
ann  dolum  a  bhios  a  ctiis  as  aonais.  Ach 
dhaibhsan  aig  an  robh  eolas  air  's  e  an  call 
as  motha  nach  faoiltich  an  cridhe  ris  an 
duine  fhein  tuilleadh  an  tir  nam  beo.  Chan 
e  a  chor-san  a  tha  sinn  ag  acain  idir  ach 
an  cor  fhein  a  tha  cho  eisleanach  'g  a  ionndr- 
ainn.  Air  a  shon-san,  chan  abradh  neach 
dh'am  b'aithne  e  nach  e  bh'ann  ach  culaidh- 
f barmaid.  Dh'a  shaor  thoil  fhein  roghnaich 
e  a  dhol  gu  uchd-bualaidh  agus  ionad- 
gabhaidh.  'S  e  ar  beachd  gu  robh  an  roghainn 
a  rinn  e  air  a  daingneachadh  le  creideamh. 
Agus  nach  e  sin  "a'  bhuaidh  a  bhuadhaicheas 
air  an  t-saoghal  ?  " 


CC 


Ordugh  tir  Hitleir" 


Leis  an   Urranmch  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-mo-naomhaig 


BITHIDH  sinn  a'  cluinntinn  fathunn  o  am 
gu  am  mu  ordugh  ur  a  tha  Hitler  a'  runach- 
adh  air  son  na  Roinn-Eorpa,  ach  is  e  fathunn 
fein  na  chluinneas  sinn.  Chan  'eil  sinn  a' 
faighinn  iomraidh  sboilleir  idir  bhuaith  de 
an  seorsa  orduigh  a  tha  's  an  amharc  aige. 
Tha  sin  anns  an  innleachd  aige-san;  oir  is 
roinn  mhor  d'a  chleachdadh  agus  d'a  cheaird 
a  bhi  a'  mealladh  dhaoine  le  briathran 
tlachdmhor,  agus  a  bhi  'g  an  sgrios  le 
gniomharan  searbh.  Tha  fuaim.  ghasda  aig 
na  facail — "  An  t- Ordugh  Ur  "  ;  ach  an  uair 
a  thuigeas  sinn  am  brigh,-cha  chreid  mi  gu'm 
bi  am  fonn  aca  cho  binn  'n  ar  cluasan. 

Tha  e  fior  gu  leoir  gu  bheil  feum  nach 
beag  air  orduchadh  is  fearr  air  an  Roinn- 
Eorpa,  a  chum  is  gu'm  bi  gach  dtithaich  air 
a  deagh  shaoithreachadh,  agus  a'  togail  an 
toraidh  a  tha  nadurra  dhi ;  gu'm  bi  a  barrachd 
a'  coinneachadh  easbhuidh  dhuthchanna 
eile ;  agus  a  h-easbhuidh  fein  'g  a  dheanamh 
suas  le  barrachd  chaich  ;  agus,  o  na  tha 
sinn  uile  an  crochadh  ri  cheile,  tha  e  freagarr- 
ach  agus  feumail  gu'm  biodh  cordadh  eadar 
na  rioghachdan  a  cheadaicheas  a  leithid  so 
de  iomlaid  air  an  saoibhreas  shaoghalta,  air 
son  leas  an  t-sluaigh  gu  leir.     Tha  tomhas 


nach  beag  de'n  iomlaid  so  a'  dol  air  aghaidh 
daonnan,  ach  tha  moran  bacaidh  air,  anns 
nach  'eil  gliocas  no  ceartas ;  agus  a  tha  a' 
fagail  mhoran  bochd  'n  an  crannchur  seach 
mar  a  dh'  fhaodadh  iad  a  bhi. 

Cothrom  na  laimhe  laidir. 

Tha  e  mar  an  ceudna  fior  gu  bheil  cuid  de 
rioghachdan  na  h-Eorpa  nach  d'  fhoillsich 
iad  fein  glic  'n  an  doighean-riaghlaidh,  le 
aireamh  gun  tomhas  de  roinnean  'n  am 
measg  an  comhnuidh  a'  draochunn  r'a  cheile, 
a'  toirt  uachdranachd  an  duthcha  gu  tamailt, 
agus  gu  trie  'g  a  tilgeil  bun  os  cionn. 

G«d  is  priseil  saorsa  beachd,  tha  meas- 
arrachd  ri  iarraidh  agus  ri  chleachdadh  le 
clann  na  saorsa,  air  neo  caillidh  iad  an 
sochair.  Mur  a  h-aithne  dhoibh  iad  fein  a 
riaghladh  ann  an  gliocas,  eiridh  foirneartach 
gu  cinnteach  'n  am  measg  fein,  no  anns  a' 
choimhearsnachd  a  riaghlas  iad  leis  an 
laimh  laidir.  Thachair  so  uair  is  uair  ann 
an  eachdraidh  ;  thachair  e  againn  fhein  an 
am  Chromwell,  agus  thachair  o  do'n  Fhraing 
an  am  Napoleon,  is  thachair  a  leithid  o 
chionn  ghoirid  aims  an  Eadailt,  agus  anns 
a'  Ghearmailt.     Tha  so  a'  foillseachadh  gu 


"  ORDUGH  IJR  HITLEIR  " 


bheil  seol-riaghlaidh  is  fearr  ri  iarraidh  aig 
iomadh  rioghachd  air  tir-mor  na  h-E6rpa, 
a  choimheadas  ughdarras  na  staide,  agus 
aig  a'  cheart  am,  a'  bhuilicheas  saorsa 
mheasarra,  laghail,  chinntich,  air  gach  duine 
taobh  a  stigh  a  criochan. 

Cha'n  fhaighear  a  leithid  so  de  dh' 
innleachd  -  riaghlaidh  gun  trioblaid ;  ach. 
feumar  ruigheachd  oirre ;  oir  cha  seas  aon 
chuid  iighdarras  maighistir  a  tha  a'  spiiinne- 
adh  a  shluaigh  de'n  saorsa,  no  air  an  laimh 
eile,  ordugh  saorsail  a  chailleas  meas  agus 
ughdarras  le  roinnean  agus  comh-stri  gun 
chiall. 

A  nis  tha  Hitler  suidhichte  air  atharrach- 
adh  a  dheanamb  anns  an  da  chuis  so,  ami 
an  uachdranachd  nan  diithchanna,  agus  'n 
an  doigh  beo-shlaint'  agus  iomlaid  an  toraidh . 
Cba  tuig  sinn  a  riin  mur  a  tuig  sinn  so. 


Lamh  laidir  na  Staide. 

A  thaobh  uachdranachd  na  Staide,  tha 
Hitler  dearbhta  gu'm  feum  so  a  bhi  iomlan 
thairis  air  gach  duine  a  bbuineas  dhi,  thairis 
air  a'  bheatha  uile  gu  leir;  thairis  air 
fhoghlum,  thairis  air  a  bheachdan,  air  a 
dhoigh  aoraidh,  air  a  chleachdaidhean,  air 
a  sheirbhis  lathail,  air  a  dhol  a  mach  agus 
air  a  theachd  a  steach  o  bhreith  gu  bhas. 

A  reir-san,  tha  gach  duine  air  a  dhean- 
amb air  son  na  Staide,  chan  e  an  Staid  a 
tha  deanta  air  son  an  duine.  Mar  sin,  chan 
'eil  coir  nadurra  aig  duine  eadhon  air  a 
bheatha,  ach  mar  a  cbeadaicheas  an  Staid 
dha;  agus  chan  'eil  aoradh  eile  cho  ard  ri 
iimhlachd  agus  seirbhis  eadhon  gu  bas  air 
son  morachd  agus  cumhachd  na  Staide.  Is 
i  an  Staid  is  Dia  os  cionn  nan  uile  a  bhuineas 
dhi ;  is  ann  anns  an  staid  a  tha  Dia  'g  a 
fhoillseaehadh  fein  do'n  t-sluagb.  Mar  sin, 
tha  oifigich  na  Staide  ri'n  urramachadh; 
tha  an  orduighean  ri'n  gabhail  gun  ghearan, 
gun  teagamb  ;  oir  ged  a  dh'  f  haodas  coltas 
an  uile  a  bhi  orra,  feumaidh  gu  bheil  iad 
ceart ;  oir  chan  urrainn  an  Staid,  no  ceannard 
na  Staide,  mearachd  a  dheanamb . 

Tha  e  soilleir  nachi  ceadaich  a  leithid  sin 
de  uachdranachd  atharrachadh  beachd,  no 
cuideachdan  air  bith  nach  'eil  a'  creidsinn 
gu^  bbeil  an  diadhachd  ud  comhcheangailte 
ris  an  Staid;  gu  sonruichte  na  b-eaglaisean 
Criosduidh,  nach  Itib  an  gliin,  no  an  inntinn, 
no  an  coguis  do'n  toibheum  mhor  ud ;    is 


iad-san  gu  sonruichte  cnapan-starra  an 
orduigh  iiir  aig  Hitler;  oir  ged  a  chuir  e  as 
gu  buileach  do  na  cuideachdan  statail,  chan 
urrainn  dha  cur  as  do  na  h-eaglaisean  gu 
h-obann ;  oir  chailleadh  sin  dha  meas  na 
mor-chuid  de'n  t-sluagh.  Ach  air  son  an 
claoidh,  is  e  a  tha  esan  a'  cur  roimhe  an 
oigridh  a  mhealladh  air  falbh  o  na  h-eaglais- 
ean ;  air  chor  is  an  ceann  bheagain  bhliadhn- 
achan  gu'n  searg  iad  gu  nadurra  le  cion 
Chriosduidhean.  Mar  sin,  araon  anns  a' 
Ghearmailt  agus  anns  gach  duthaich  a  thig 
fo  bhuaidh  dhi  bithidh  an  oidhirp  'ga  dhean- 
amb gu  bhi  a'  caitheamh  nan  eaglaisean  a 
bith. 

Uachdar  no  meog. 

Agus  a'  thaobh  beo-shlaint'  agus  malairt, 
is  e  a  tha  aige-san  anns  an  amharc  a'  Ghearm- 
ailt a  shuidheachadb  cho  cumhachdach  agus 
cho  fabharach  is  gu'n  orduich  i  gach  duthaich 
mar  a  fhreagaras  oirre  fein.  Gleidhidh  i 
cumhachd  cogaidh,  oibrichean-iaruinn,  is 
mhe'inean,  is  innealan  prionnspalacb,  'n  a 
lamhan  fein;  orduichidh  i  do  chuid  de  na 
diithchannan  an  grunnd  a  shaoithreachadh, 
do  chuid  ele  an  spreidh,  do  chuid  eile  am 
me'inean,  agus  an  iiileadh;  agus  feumaidh 
iad  an  uiread  de'n  toradh  sin  a  reic  no 
iomlaid  ris  a'  Ghearmailt  is  a  theid  orduchadh 
dhoibh,  agus  sin  aig  prisean  a  bhitheas 
buanachdail  do'n  Ghearmailt.  Mar  sin, 
bithidh  na  Gearmailfcich  beartach,  agus  an 
corr  bochd;  bithidh  an  t-uachdar  aca-san, 
agus  am  meog  .aig  each. 

Ach  a  reir  Hitleir,  tha  sin  mar  bu  choir 
dha  a  bhi ;  oir  nach  fior-f heara  na  Gearm- 
ailtich ;  nach  iad-san  ard-shluagh  an  t- 
saoghail;  glan  'n  am  full,  taghta,  gaisgeil, 
uile-bhuadhmhor,  uile-chumhachdach ;  an 
coimeas  riu  am  bheil  anns  a'  chorr  ach 
graisg  ?  Nach  'eil  e  ceart  gu'm  biodh  smaig 
aca  thairis  air  a'  chorr,  agus  gu'm  biodh 
iad  a'  sealbhacbadh  a'  chuid  is  fearr  de 
thoradh  an  t-saoghail,  agus  de  shaothair  a' 
chinne-daonna  ? 

Sin  agaibh-se  cuid  de  phrionnspalan  an 
orduigh  iiir  aig  Hitler.  Is  gann  gu  bheil 
sibh  'g  a  chreidsinn;  ach  mur  teid  an 
dubhan  'n  a  shroin-san,  bithidh  an  t-6rdugh 
searbh  ud  mu'r  n-amhaich  mu'm  bi  sinn  a' 
bheag  na's  sine ;  oir  tha  e  cheana  mu 
amhaichean  nan  rioghachdan  a  tha  fo 
cheannsal  aige. 


Aireamh  7 


1942 


Urnuigh  agus  Oran  Dhaibhidh 

Norhdaidh  mi  dhuit  an  t-dighe  air  an  tigeadh  dlivit  triaU  :  sedlaidh  mi  dhuit  le  ni  sMiil. 

— /S'aiw  xxxii.  8 


18  o  an  t-salm  so  an  t-6ran  ■  nuadli  a  ohiiir 
Dia  ann  am  l)enl  Dhailjhidh,  nuair  a  thug 
e  dha  maitheanas  agus  a  chuir  e  folach  air 
a  pheacadh.  Tha  an  t-salm  a'  teagasg  ciod 
a  tha  Dia  ag  iarraidh  oirnn;  ciod  iad  na 
h-iobairtean  leis  an  coir  dhuinn  teachd  'n  a 
lathair ;  agus  ciod  an  ciimhnant  air  an  aisig 
e  an  anam  air  ais  dhaihhsan  a  jDheacaich  'n  a 
aghaidh. 

Tha  fios  aig  an  t-saoglial  uile  air  a'  pheac- 
adh oillteil  anns  an  do  thuit  Daibliidh  agus 
leis  an  do  theab  e  'anani  a  chal] ;  agus  tha 
e  air  a  radh  gur  l\-ann  l)liadhna  'n  a  dheidh 
sin  a  sgriobh  c  an  t-salin  so.  Cha  robh.  a 
choguis  aig  fois  agus  bha  an-shocaii'  'inntinn 
a'  claoidh  a  bhodhig — "  Nuair  bha  mi  a'm' 
thosd,  laigh  aois  air  mo  chnamhan  :  tha  mo 
bhrigh  air  a  h-athari-achadli.  gu  tiormachd 
an  t-samhraidh." 

Ach  ged  a  dhuisg  a  choguis  chiontach. 
fiabhrus  'n  a  bhroilleach  leig  e  le  latha  an 
deidh  latha,  is  seachduin  an  deidh  seachduin, 
dol  seachad  gun  a  pheacadh  aideachadh. 
Ach  mu  dheireadh,  fo  theagasg  an  fhaidh 
Natan,  a  chuir  Dia  thuige  chum  olcas  a 
ghniomlia  innseadh  dha,  cha  b'  urraiim  e 
cumail  air  fhein  na  b'  fhaide,  agus  thiibhairt 
e,  "  Pheacaich  mi  an  aghaidh  an  Tighearna." 

Tha  e  coltach  gur  h-ann  aig  an  am  sin 
a  sgriobh  e  salm  li.,  an  t-salm  anns  an  do 
dhoirt  e  mach  a  chridlie  le  h-aithreachas  is 
deoir,  ag  aideachadh  a  plwacaidh  agus  ag 
ashichadh  trocair. 

Dean  trocair  orm,  a  Dhe,  a  reir  do 
chaoimhneis-graidh :  a  reir  lionmhoir- 
eachd  do  cliaomh  throcairean,  dubh  as  m" 
eusaontas.  Oir  tha  mi  ag  aideacliadh.  ni" 
eusaontais  agus  tha  mo  pheacadli  a'm' 
lathair  a  ghnath. 

Dh'  eisd  Dia  ri  glaodh  an  aithreachain 
agus  thug  e  maitheanas  dha,  agus  tha  an 
salmadair  a'  seinn  anns  an  t-salm  so  an 
t-6ran  nuadh  a  chuir  Dia  "n  a  bheul. 

"8  beannaicht'  an  duine  sin  a  fhuair 
'N  a  pheacadh  maitheanas  ; 
A  flniair  le  trocair  folach 
Air  a  ehiont'  is  eusaontas. 


'8  beaimaicht'  an  ti  nach  agair  Dia 
'N  a  sh('achra,nail)li  na  's  mo, 
Is  ann  a  spiorad  fos  nach  "eil 
CUaon-chealgaireachd  no  go. 

Faodar  a  radh  gur  caraid  an  da  shalm, 
li  agus  xxxii. ;  an  dara  te  ag  urnuigh  air  son 
trocair,  agus  an  te  eile  a'  moladh  Dhe  a 
chionn  gu'n  d'eisd  e  ris  an  urnuigh  sin  agus 
gu'n  do  nochd  e  a  throcaii". 

Anns  an  urnuigh  a  riini  Daibhidh  chleaclul 
e  briathran  d'an  d'fhuair  moraji  dhaoine 
coire,  "  Teagaisgidh  mi  do  luchd-eusaontais 
do  shlighean,  agus  iompaichear  peitcaich  " 
(li.  13). 

Their  iad  gu  robh  e  dalma  do  neach  a 
rinn  uiread  eueoir  ris-san,  agus  a  bha  air 
a  ghluinean  ag  iarraidh  maitheanais,  a  bhi 
bruidhinn  air  daoine  eile  a  theasgasg  no 
iompachadh.  Ach  cha  b'  ann  ann  an  spiorad 
dalma  no  fein-fhireanta  a  thuirt  Daibhidh 
an  rud  a  thubhairt  e,  agus  saoilidh  mi  nach 
robh  e  idir  as  an  rathad  dha,  iarrtus  a  bhi 
aige  air  folach  a  chur  air  a  sheann  olc  le 
seirbhis  tir  a  dheanamh  do  Dhia.  B'  e  an 
smuain  a  bha  'n  a  chridhe,  gu'm  biodh  e  na 
b'  fhasa  do  pheacaich  eile  creidsinn  ann  an 
trocair  Dhe  na'n  deanadh  e  trocair  air 
peacach  cho  mor  ris-san.  A  thuilleadh  air 
sin  bha  e  nadurra  gu  leoir  gu'n  tigeadh  an 
smuain  'n  a  chridhe  aig  a  leithid  sud  a  dh' 
am,  a  l^heatha  a  choisrigeadh  gu  buileach  do 
Dhia  agus  rabhadh  a  thoirt  do  dhaoine  eile 
iad  a  sheacluiadh  a  ohjabair'  anns  an  do  tluiit 
e  fhein. 

Chan  urrainn  iadsan  a  fhuair  trocair  agus 
a  dh'  f  hiosraich  gtxirdeachas  slainte  Dhe  a  bhi 
'n  an  tosd,  oir  tha  e  cho  nadurra  dhaibh 
luaidli  a  dheanamh  air  maitheas  Dhe  's  a 
tha  e  do  na  h-eoin  seinn. 

Agus  a  dh'  aindeoin  ciod  a  their  iadsan  a 
bhios  a'  faotainn  coire  do  'n  fhacal  a  thuirt 
Daibhidh,  tha  e  soilleir  do  'n  t-saoghal  uile 
gu'n  do  theagaisg  e  do  luchd-easaontais 
slighean  an  Tigliearna,  agus  gu  bheil 
'aithreachas  is  'urnuighean  a'  giulaii  toraidh 
gus  an  la  an  diugh. 


2 


URNUIGH  AGUS  ORAN  DHAIBHIDH 


"  An  iiair  a  dh'iompaichear  thii,"  ars  ar 
Slamiighear  ri  Peadar,  "  neartaich  do  braith- 
rean."  Rinn  Daibhidh  sin,  agus  ged  tha  e 
raarbh  tha  e  a'  labhairt  fathast,  agns  a' 
neartachadh  ioniadh  brathair  bochd  aig  nach 
l)iodh  misneach.a  shuilean  a  thogail  gu  neamh 
mm'  b'e  gu  bheil  beatha  Dhaibhidh  a'  teagasg 
dha  nach  gleidh  Dia  a  chorruich  gu  siorruidh 
do  bhrigh  gur  toigh  leis  trocair,  agus  aig 
nach  biodh  briathran  leis  an  tigeadh  e  an 
lathair  an  Tighearna  mur  b'e  gu  'n  d'  thug 
Daibhidh  na  briathran  sin  dha  anns  na  sailm. 

Anns  an  t-salni  so,  ma  ta,  tha  e  a'  coimh- 
lionadh  a'  gheallaidh  a  thug  e  anns  an  te 
eile ;  tha  e  a'  teagasg  dhuinn  slighean  an 
Tighearna;  ag  innseadh  cianiar  a  dh'  aisig 
e  air  ais  dha  fein  gairdeachas  a  shlainte. 
Agus  is  e  suim  na  tha  aige  ri  radh,  gur  h-e 
a'  cheud  cheum  air  an  t-slighe  gu  reite  ri 
Dia,  ar  peacadh  aideachadh.  Am  feadh  's 
a  l)ha  6  'n  a  thosd  cha  d'  fhuair  e  leigheas 
ail'  an-shocair  a  chridhe ;  bu  chaomh  leis 
'ciisaontas  fholach  ach  mar  b'  fhaide  a  bha 
('  a-'  deanamh  sin  is  ann  a  bu  truime  a  bha 
lamh  Dhe  air,  gus  mu  dheireadh  an  d'  thubh- 
airt  e,  "  Aidichidh  mi  m'  eusaontas."  Agus 
leis  an  ath  anail  tha  e  ag  radh,  "  Mhaith 
esan  cionta  mo' pheacaidh." 

Ar  coguis  nadurra. 

Togaidh  ar  coguis  nadiirra  a  guth  air 
taobh  an  duine  a  dh'  aidicheas  a  chionta 
gii  saor  agus  a  dh'  iarras  maitheanas.  Agus 
do  bhrigh  gu  bheil  gradh  is  ceartas  is  caonih- 
alachd  Dhe  na's  airde  na  ar  coguis-ne  bheir 
o  maitheanas  do  'n  aithreachan  gu  saor  agus 
gix  pailt. 

Ma  dh'  fheuchas  sinn  ri  folach  a  chur  air 
ar  peacaidhean,  agus  sinn  fhein  is  Dia  a 
mhealladh,  cha  chuir  trocair  Dhe  folach 
orra ;  ach  ma  ni  sinn  an  urnuigh  a  rinn 
Daibhidh  gheibh  sinn  am  freagradh  a  fhuair 
esan.  "  An  ti  a  dh'  fholaicheas  a  pheac- 
aidhean  cha  soirbhich  leis  :  ach  esan  a  dh' 
aiflicheas  ,agus  a  threigeas  iad  gheibh  e 
ti'ocair." — Gnath-FJiocail  xxviii.  13.  "  Ma 
dh'  aidicheas  sinn  ar  peacanna,  tha  esan 
fu'inneach  agus  ceart,  chum  ar  peacanna  a 
mhaitheadh  dhuinn  agus  ar  glanadh  o  gach 
uile  neo-fhireantachd." — /.  Eoin  i.  9. 

Is  iirnuigh  uile  gu  leir  Salm  Li,  ach  anns 
an  t-salni  so  thionndaidh  Daibhidh  bho  iirn- 
uigh gu  moladh.  Is  e  so  an  t-6ran  nuadh 
a  chuir  Dia  'n  a  bheul  nuair  a  thog  e  suas 
a  clabar  lathaich  e  agus  a  chuir  e  a  chasan 
air  carraig.  Tha  oran  'n  a  bheul  a  cliionn  gu 
bheil  aoibhneas  'n  a  chridhe ;  agus  tha  e  a' 
gairm  aii-  ]ieaeaieli  eile  eisdeachd  ciod  a  rinn 
Dia  air  a  sb.on,     "  Tha  thusa  a'd'  ionad-fol- 


uich  dhomh;    o  theinn  gleidhidh  tu  mi;    le 
h-6ranaibh  saorsa  cuartaichidh  tu  mi." 

Aig  an  ochdamh  rann  tha  guth  iir  a'  labh- 
airt anns  an  t-salm,  "  Fior  theagaisgidh  mi 
thu,  agus  nochdaidh  mi  dhuit  an  t-slighe  air 
an  tigeadh  dhuit  triall ;  seolaidh  mi  dhuit  le 
m'  shiiil."  Chan  e  so  guth  Dhaibhidh  ach 
guth  an  Ti  a  tha  e  a'  moladh.  Cha  b'  urrainn 
mac  duine  a  ghabhail  air  fhein  na  briathran 
so  a  labhairt,  agus  feumar  an  gabhail  mar 
fhreagairt  chaomhail  a  thug  Dia  do  smuain 
a  dh'  eirich  ann  an  cridhe  Dhaibhidh,  ged 
nach  do  chur  e  an  cainnt  i.  Bhuail  eagal  c 
nach  biodh  e  anns  an  staid  shona  so  daon- 
nan,  agus  thuirt  e  ris  fein,  Ciod  am  fios  nach 
tuit  mi  anns  a'  chlabar  a  rithist ;  tha  an 
fheoil  laidir  agus  an  spiorad  anfhann,  agus 
ma  dh'  fhaoite  gu  bheil  e  ro  thrath  dhomh 
m'  orain  a  sheinn. 

Is  ann  a  chasg  an  eagail  sin  agus  a  thoirt 
misnich  do  chridhe  a  sheirbhisich  a  labhair 
Dia  am  facal  so  ris,  "  Nochdaidh  mi  dhuit 
an  t-slighe  air  an  tigeadh  dhuit  triall ; 
seolaidh  mi  dhuit  le  m'  shuil." 

Chan  fhag  Dia  a  shluagh  aig  leth  na  slighe. 
Cha  leor  leis  an  casan  a  thoirt  as  a'  pholl ; 
socruichidh  e  iad  air  carraig.  "  Tha  mi 
dearbhta  as  an  ni  so  fein,"  arsa  Pol,  "  an 
ti  a  thoisich  deagh  obair  annaibh,  gu'n 
coimhlion  e  i  gu  la  losa  Criosd."^ — Phil.  i.  0. 

Cho  fad  's  a  bhios  an  Criosduidh  anns  an 
t-saoghal  bidh  comhraig  an  leth  am  muigh 
agus  eagal  an  leth  a  stigh,  ach  ma  tha  a 
shiiil  ri  Dia  mar  tha  stiilean  oglaich  air 
lamh  a  mhaighstir  cha  bhi  e  gun  solus  no 
gun  neart.  Oir  bheir  Dia  neart  do'n  anfhann 
agus  dhaibh-san  a  tha  gun  liigh  meudaichidh 
e  treise. 

Dhearbli  na  naoimh  uile  gur  fior  so  agus 
tha  e  air  a  dhearbhadh  gach  latha  an  diugh 
fhathast  leo-san  a  tha  creidsinn  ann,  agus  a 
leigeas  an  taic  ris.  Chan  v'eil  e  an  comas 
duine  a  cheum  a  stiiiradh  mar  bu  choir  dha 
agus  tha  feum  againn  uile  air  an  urnuigh  a- 
dheanamh  gach  maduinn,  "  Treoraich  mi  ann 
a'd'  fhirinn  agus  teagaisg  mi." 

Ma  tha  e  'n  a  chleachdadh  aig  neach 
beannachd  is  stiiiradh  an  Tighearna  iarraidh 
gu  h-iriosal  agus  gu  diirachdach  gach  latlia 
m'  an  toisich  e  air  'obair  faodaidh  e  a  bhi 
cinnteach  gu'n  soillsich  Dia  a  dhorchadas 
agus  nach  bi  e  gun  fhear-cuideachaidh  air 
a  laimh  dheis.  Oir  mairidh  facal  an  Tighearn 
gu  siorruidh. 

Nochdaidh    mi    dhvit    an    f-sllghe    air    an 

tigeadh  dhuit  triall  : 
BedJaidh  mi  dhuit  le  lu'  ■shidl. 


Anns  a'  Chathair 


GED  tha  luchd-ealaiu  ag  imiseadh  dhuiini 
gur  anil  o  sheorsa  de  mhonkey  a  thainig  mac 
an  duine  tha  an  cairdeas  a  tha  eadar  mac  an 
duine  agus  na  h-ainmhidhean  gu  maith  fada 
a  mach,  ma  tha  e  idir  ann. 

Tha  astar  neo-chriochnach  eadar  duine 
agus  ainmhidh,  a  chionn  gu  bheil  eanchainn 
agus  anam  aige. 

Ann  an  6g-mhaduinn  an  t-saoghail  cha 
I'obh  ann  am  mac  an  duine  ach  creutair  lag 
ami  an  coimeas  ris  na  creutairean  eile  a  bha 
aims  na  coiltean  agus  air  na  machraichean. 
Agus  b'  ion  da  eagal  a  bhi  air,  oir  is  e  lagh 
na  coille  "a'  bheist  as  motha  ag  itheadh 
na  beiste  as  lugha."  Ach  ged  nach  robh 
armachd  aige  'ga  dhion  fein  ach  a  mhain  a 
lamhan  laga,  armachd  nach  biodh  gu  moran 
feuma  dha  an  uair  a  thachradh  leomhann  no 
tiogar  air,  gidheadh  bha  eanchainn  aige  nach 
robh  aca-san,  agus  is  ann  le  cumhachd  a 
reusain  a  fhuair  e  tighdarras  thairis  air  na 
h-ainmhidhean.  Le  cumhachd  a  reusain 
dhealbh  e  innealan  leis  an  cuireadh  e  as 
do  chreutairean  a  bha  bagairt  air. 

Sin  rud  nach  do  rinn  creutair  eile  riamh 
ach  e  fhein.  Na'm  b'  urrainn  do  chreutair- 
ean eile  dol  ann  an  c6-bheirin  agus  an  comh- 
airle  a  chur  ri  cheile,  agus  cogadh  a  dheanamh 
an  aghaidh  mhic  an  duine  le  tuigse,  cha  b' 
urraimi  da  aite  fhein  a  ghleidheadh  air  an 
talamh  idir.  Na'ii  robh  na  speachan  cho 
glic  's  a  tha  iad  cho  guineach  tha  uiread 
dhiubh  amis  an  t-saoghal  's  nach  biodh  aon 
duine  a  lathair  air  an  talamh  an  diugh  na'n 
do  ghlaoiclli  na  speachan  cogadh  an  aghaidh 
chlanii-daoine. 

Cuimhne. 

Is  e  mac  an  duine  an  aon  chreutair  aig  a 
bheil  cuimhne,  co  dhiii  cuimhne  as  fhiach 
cuimhne  a  radh  rithe,  cuimhne  a  ni  feum  de 
fhiosrachadh  a'  chinnidh  uile.  Ged  is  seolta 
na  creutairean  an  seangan  agus  an  seillean 
tha  na  tighean  agus  na  doighean  aca,  agus 
na  soithichean  anns  a  bheil  iad  a'  gleidheadh 
na  meala,  mar  a  bha  iad  muillein  bliadhna 
roimh  so.  Chan  'eil  iad  a'  tighihn  aon  cheum 
air  an  aghaidh.  Ach  chan  e  sin  do  mhac  an 
duine ;  tha  esan  a'  dealbh  nithean  ma  gun 
sgur,  agus  tha  gach  gineal  a  dh'  fhalbhas  a' 
fagail  eolais  no  fiosrachadh  tir  air  chor-eigin 
aig  a'  ghineil  a  thig  'n  a  deidh. 

Cha  bhiodh  so  comasach  do  mhac  an  duine 
a  dheanamh  mur  b'e  gur  h-urrainn  da 
bruidhinn.  Ciod  air  bith  an  doigh  aims  an 
d'  fhuair  e  tiodhlac  na  cainnte,  is  e  cainnt 
an  garadh-criche  eadar  mac  an  duine  agus 


na  h-aiiimhidhean.  Do  hhrigh  gu  l)heil 
cainnt  aca  theid  aig  cloinn-daoine  air  dol 
ann  an  co-bheinn  mu  chuisean  am  beatlia, 
agus  theid  aca  mar  an  ceudna  air  an  eolas 
agus  am  fiosrachadh  a  chomh-phairteachadh 
ri  each  a  cheile. 

Os  cionn  an  doruis  anus  an  t-seomar  anns 
a  bheil  ealain  na  feallsanachd  air  a  teagasg 
ami  an  Oilthigh  Dhiln-eideann  tha  na  bria- 
thran  so  sgriobhta. 

Air  an  talamh  chan  'eil  mdr  ach  duine  : 

Anns  an  duine  chan  'eil  mor  ach  inntinn. 

Is  ami  le  cumhachd  na  h-inntinn  a  obios- 
iiaich  mac  an  duine  creutairean  a  bha  fichead 
uair  na's  laidire  na  e  fhein,  agus  is  ami  le 
cumhachd  na  h-inntinn  a  rinn  e  seirbhisich 
is  luchd-frithealaidh  de'n  ghaoith  agus  de'ii 
dealanach. 

A  thaobh  meudachd  is  neart  cha  robh  ann 
am  mac  an  duine  ri  taobh  na  h-elephant  ach 
mar  gu'm  biodh  paisde  ri  taobh  famhair,  acli 
bha  solus  na  h-inntinn  anns  a'  phaisde,  agus 
mar  sin  bhuadhaich  e  amis  a'  clxath  agus 
anil  an  reis  na  beatha. 

Teine. 

Ged  tha  miltean  de  chreutairean  na  talmh- 
ainn  a'  basachadh  a  h-uile  bliadhna  leis  an 
fhuachd,  agus  sin  a'  dol  air  aghaidh  blio 
chionn  nam  muilleineaii  bliadhna,  cha  do  rinn 
creutair  eile  riamh  teine  ach  a  mhain  mac 
an  duine. 

Tha  cait  agus  coin  agus  iomadh  creutair 
eile  eolach  gu  leoir  air  teine ;  is  toigh  led  am 
blaths  a  gheibh  iad  bhuaith,  ach  air  a  shon 
sin  cha  d'  fhadaidh  gin  dhiubh  teine  riamh, 
agus  cha  mho  a  ghabh  iad  ciiram  gus  an  teine 
a  bha  cheana  air  fhadadh  a  chumail  bed. 

A  dh'  aindeoin  na  their  na  daoine  a  bhios 
ag  radh  nach  'eil  aims  an  duine  ach  siol 
an  ainmhidh,  tha  doimhne  neo-chriochnach 
eadar  mac  an  duine  agus  na  h-ainmhidhean. 
Ged  bheireadh  monkey  a  leth  sliiiil  air  son 
cnotha,  agus  asail  a  leth  chluas  air  son 
currain,  c6  am  monkey  no  an  asail,  le  ro- 
churam  a  ghabhail,  a  chuir  craobh  no  curran 
los  an  acras  a  shasuchadh ;  no  c6  an  t-aiiun- 
hidh  a  dhealbh  inneal  no  acfhuinn  los  feum 
a  dheanamh  de  chumhachdan  iiaduir,  no  los 
e  fhein  a  dhion  bho  bheistean  a  bu  mhotlia 
agus  a  bu  laidire  ? 

Tha  fada  barrachd  astair  eadar  an  duine 
agus  an  t-ainmhidh  na  tha  eadar  an  duine 
agus  Dia. 

Mar  a  thubhairt  Pascal,  "  Chan  'eil  mac  an 
duine  ach  mar  a'  chuilc,  a'  chuilc  as  breoite 
anns  a'  chruthachadh,  ach  is  cuilc  e  anns  a 


ANNS  A'  CHATHAIR— SGEULACHD  DON  CHLOINN 


bheil  mothachadh.  Ni  riid  as  lugha  iia  neart 
an  domhain  a  mharbhadh;  raarbhaidh  aon 
bhoiniie  uisge  e,  no  aon  anail  de'n  cheo  a 
dh'tni-eas  as  an  talamh.  Ach.  gud  tliuiteadh 
na  beanntan  air  agus  ged  phronnadh  iad  c, 


bhiodh  barr  aige  air  na  beanntan,  oir  bhiodh 
fhios  aige  gu'n  robh  e  'g  a  phronnadh  ach 
cha  bhiodh /A-ios  aca-san  air. 

Tha  iiaisle  .agus   mbhe   mhic   an  duine  a 
co-sheasanxh  'n  a  inntinn  aeus  'n  a  anam. 


Sgeulachd  do'n  Chloinn 


{Am  Piobaire  Breac) 


O  CHIONN  fhada  nan  cian,  an  uair  a  bha 
an  saoghal  6g  's  a  labhradh  na  h-eoin  Greigis, 
bha  bailo  's  an  airde  n-iar  d'  am  b'ainni 
Hanielin.  Bha  e  'na  chaithir  aluinn — abhainn 
Ueser  a'  siubhal  seachad  air  gu  reidh  samh- 
ach,  far  am  biodh  a'  chlann  a'  chiich  agus  na 
tunnagan  a'  snamh.  Bha  muinntir  Hanielin 
']ian  daoine  coir,  bha  sith  is  sonas  aca,  gach 
ni  a  riaraichcadh  an  t-siiil  no  bheireadh  solas 
do'n  chridhe. 

Ach  latha  de  na  laithoan,  mar  bha  an 
tubaist  's  ail  dan,  thainig  sgaothde  radain 
orra  air  inirich  o'li  airde  n-ear.  Chan  fhaca 
iad  riamh  roimhe  an  seorsa  ci'eiitair  ud :  bha 
iad  na  bu  lugha  na  |)iseag  agus  na  bu  mhotha 
n.a  seilcheag,  ach  bha  muinntir  Hanielin  'n 
an  daoine  coir  is  thug  iad  dhail)h  aoigheachd. 

Ach  ma  rinn  iadsan  sin  thoisich  na  radain 
air  fas  lionmhor.  Bhiodh  coig  ail  aca  "s  a' 
bhliadhua,  agus  fleichnear  air  a  h-uile  tiu'us, 
gus  mu  dheireadh  an  robh  iad  an  impis  am 
baile  chur  fodhpa.  f hein. 

Thug  na  cait  am  monadh  orra  le  h-eagal, 
bhath  na  coin  iad  fhein  le  briste-cridhe,  is 
dh'  fhag  iad  na  radain  gu  bhi  ag  61  a'  bhainno 
's  ag  itheadh  a'  chaise. 

Chan  fhaodte  leanabh  fhagail  anns  a' 
chreathaill  air  eagai  gu'n  itheadh  iad  e ; 
dh'  fheumadb  fear  an  tighe  an  atl  shearmoin 
a  chur  fo  ghlais  air  eagal  gu  'm  beireadh  an 
radan  al  iniite,  agus  o  mhoch  gu  dubh,  o 
cheanii  gu  ceann  de  'n  bhaile,  cha  chhiiniite 
fuaim  ach  sgreachail  nam  biastan. 

Mu  dheireadh  thall,  dh'  fhas  muinntir 
Hanielin  seachd  sgith  de'n  chcol  is  rinn  iad 
gearan  ri  seanairean  a'  bhaile. 

Ghairmeadh  an  sluagh  gu  talla  na  Comh- 
airle,  ach  an  uair  a  bha  na  seanairean  agus 
an  sluagh  a'  cur  an  cinii  ri  cheile  mu'n 
ghnothuch,  chualas  gnog  aig  an  dorus,  agus 
a  steach  am  nieasg  na  cuideachd  thainig 
dealbh  duine  a  thug  air  na  seanaii-ean  gaire. 

Co  bha  so  ach  am  Piobaire  Breac,  cota 
fada  air  o  mhullach  gu  bonn ;  an  dara  taobh 
dheth  dearg  agus  an  taobh  eile  buiclhe. 

Bha  e  cho  fada  ri  crann  soithich  agus  cho 
caol  ri  snathaid ;  siiil  bheag  bhiorach  'n  a 
cheann  agus  gun  roinne  feusaiii  air  aodami. 


Rinn  am  Piobaire  beic  do  na  h-uaislean, 
is  labhair  e  mar  so. 

"  Is  mise  am  Piobaire  Breac.  Thug  Righ 
an  Domhain  dhomh  gliocas  an  da  shaoghaii, 
agus  is  aithne  dhomh  na  h-eolais,  na 
gisreagan,  na  h-ubagan,  na  sauna  agus  na 
h-6racliaii,  a  ghreasas  bas  no  a  chaomhiias 
beatha.  Tha  piob  airgid  aim  am  bhroilleach, 
leis  an  cuir  mi  fo  gheasaibh  gach  creutair 
anns  an  do  sheid  anail ;  mar  a  tharruingeas 
a'  ghrian  na  reultan  agus  a  tharruingeas  a' 
ghealach  na  b.-uisgeachan,  tarruingidh  mise 
as  1110  dheidh  an  eunlaith,  beathaichean 
ceitliir-chasach,  agus  creutairean  snaigeach, 
agus  ma  bheir  sibh  dhomhsa  mile  bonn 
airgid,  cha  chluinnear  sgriach  radain  ami  an 
Hanielin  an  nochd." 

"  Buaidli  leis  a'  Phiobaire  Bhreac,"  arsa 
fear  de  na  seanairean  :  "  dean  thusa  sin  agus 
is  leat  an  t-airgiod."' 

A  mach  ghabh  am  .piobaire.  (Ihuir  e  a' 
phiob  'n  a  bheul,  agus  cha  luaithe  sheid  e  i  na 
thaoni  na  radain  a  mach,  a  toill  agus  a  tighean, 
a  seomraichean  agus  a  simileirean ;  radain 
l^heaga  is  radain  mhora,  radain  dhubha  is 
radain  ruadha,  'n  am  ficheadan  agus  "n  an 
ceudan,  a'  leantuinn  a"  phiobaire  o  shraid 
gu  sraid,  o  thom  gu  tom,  gu  h-iollagach,  gu 
h-aigheai'ach,  gus  an  do  rainig  iad  abhainn 
Ueser,  far  do  thuit  iad  muin  air  mliuin  anns 
an  uisge,  is  far  an  robh  iad  air  am  bathadh, 
ach  aon  radan  mor  reamhar  a  fhuair  gu  tir. 

Chuii'  esaii  a  chul  I'is  an  aiixle  'n  iar  is 
aghaidh  ris  an  airde  'n  ear,  rainig  e  tir  a 
dhiithchais,  agus  bhiodh  e  ag  innseadh  na 
sgeoil  SO- do  na  radain  oga,  's  ag  iarraidh  orra 
baile  Hamelin  a  sheachnadh. 

"  Is  maith  a  fhuaras  am  piobaire,"  arsa 
fear  de  na  seanairean,  "  thugaibh  dha  deoch, 
agus  buailibh  cluig  a'  bhaile  le  gairdeachas." 

"Air  d'  aithis,"  ars  am  piobaire.  "Far 
dhomhsa  mo  dhuais,  agus  an  sin  deanaibh 
iolach." 
-  "  Duals,"  ars  na  seanairean  uile,  's  iad  a' 
gaireachduinn,  "  cha  robh  sinn  ach  ri  feala- 
dha ;  b'e  sin  an  dolaidh  mile  bonn  airgid 
a  tlioirt  do  phiobaire  breac." 


SGEULACHD  DON  CHLOINN— MUR  TOG  AN  TIGHEARN  AN  TIGH 


"  Mur  toil',"  ars  am  piobairc,   "  bidh  car 

eile  an  ruidhl'  a'  bhodaich." 

****** 

A  uiach  ghabh  am  Plobaire  Breac  a  rithist. 
Sheid  e  a'  phiob,  agus  a  leithid  de  cheol  cha 
chualas  o  thus  an  domhain  's  a  chluinnear 
gu  deireadh  na  dilinn.  Bha  e  na  bn  bhinne 
na  guth  smeoraich,  is  bha  e  cho  tiamhaidh 
's  gu  'n  tahxdh  e  na  sionnaich. 

Cha  hiaithe  sheid  e  a'  phiob  na  thaom  a' 
chlann  a  mach,  a  sraidean  is  cul  shraidean, 
a  sgoilean  is  tighean,  brogaich  bheaga  is 
brogaich  mhora,  cailleagan  is  leanaban,  gu 
h-iollagach  's  gu  h-aighearach,  a'  dannsadh 
's  a  leumraich,  a'  bualadh  am  bas  "s  a' 
gaireachduinn  ri  ceol  a'  phiobaire. 

Dh'  fhag  iad  am  baile  'n  an  deidh  is  chuir 
iad  an  aghaidh  gu  siar  gus  an  do  rainig  iad 
beiim  ghorm.      Dh'  atharraich  am  piobaire 


ceol,  agus  cha  kiaithe  rinn  e  sin  na.  dh' 
fhosgail  a'  bheinn  roimhe  is  chaidh  e  fhein 
's  na  bha  na  dheidh  a  steach,  ach  aon  ghille 
criibach  nacli  robh  cho  hiath  ri  each,  is  nach 
do  rainig  a'  bheinn  gus  an  robh  an  dorus 
duinte. 

Shiubhail  muinntir  Hamelin  shios  is  shuas, 
a  bhos  is  thall,  ag  iarraidh  na  cloinne  ach 
cha  robh  a'  chlann  ri  fhaotainn.  Bheireadh 
na  seanairean  na  bha  aca  de  'n  t-saoghal  'n 
an  tilleadh  am  Piobaire  Breac  air  ais  leis  a' 
chloinn,  ach  mur  tainig  e  o'n  am  so  'n  de 
cha  d'  thainig  e  fhathast. 

Dh'  fhaodadh  an  sgeulachd  a  bhi  na  b' 
fhaide,  ach  tuigidh  daoine  glic  a  brigli,  is 
cha  dean  i  cron  do  na  h-amadain : — 

Ma  thug  thu  gealladh  cum  ri  d'  fhacal, 

'S  ma  rimi  thu  dannsadh,  paigh  am'piobair'. 


Mur  tog  an  Tighearn  an  tigh 


AIG  an  am  so  de'n  bhliadhna  bithidh  Comunn 
nam  Ban  ami  am  moran  de  na  h-eaglaisean 
Gaidhealach  a'  cur  la  air  leth  gu  bhi  a'  reic  nan 
nitheanarinniadle'nlamhan  fad  a'  gheamh- 
raidh,  fuaghal  is  figheadaireachd  is  seorsachan 
eUe  a  -ghabhas  reic.  A  h-uile  bliadhna  tha 
moran  airgid  air  a  chruinneachadh  anns  an 
doigh  so  a  chuideachadh  aobhar  an  t-soisgeil 
aig  an  tigh  agus  anns  na  diithchanna  thall. 

Ach  air  uairean  bithidh  boirionnaich  a' 
I'euchainn  ri  airgiod  a  chruinneachadh  air 
son  obair  na  h-eaglais  ami  an  doighean 
saoghalta  agus  le  innleachdan  neo-chriosdail 
nach  'eil  idir  freagarrach  ami  an  eaglais  Dhe  ; 
raffles,  dannsadh,  tomhseachain,  cluich- 
chairtean,  fiosachd,  agus  innleachdan  eile 
nach  ruigear  a  leas  ainmeachadh. 

Tha  e  ceart  gu'm  biodh  e  air  a  radh  air  an 
duilleig  so  nach  e  a  mhain  nach  'eil  Eaglais 
na  h-Alba  a'  toirt  gnuis  do  na  h-imileachdan 
sin  ach  gu  bheil  iad  air  an  toirmeasg  leis  an 
Ard  Sheanadh. 

Tha  e  duilich  a  chreidsinn  gu'm  beannaich 
Dia  ann  an  seirbhis  a  rioghachd  airgiod  a 
tha  air  a  tharruing  a  pocanna  nan  ana- 
creideach  le  innleachdan  saoghalta.  Mur 
tog  an  Tighearn  an  tigh  is  diomhain  a  bhios 
saothair  an  luchd-togail.  Mm-  beannaich  an 
Tighearna  ar  n-obair  bha  cho  maith  dhuinn 
a  bhi  'n  ar  cadal ;  chan  ann  le  gairdean  feola 
no  le  innleachdan  an  t-saoghail  a  chuirear 
air  chois  rioghachd  Dhe  air  thalamh,  ach  le 
creideamh,  is  iu-nuigh,  is  cumhachd  an 
Spioraid  Naoimh. 

Sedras  Muller. 

Bu  mhaith  leam  iomradh  a  dheanamh  aims 
an  aireamh  so  air  duine  diadhaidh  a  bha  cho 


furachail  air  na  meadhonan  a  bha  ceadaichte 
dha  ann  an  seirbhis  an  Tighearna  's  a  bha  e 
air  an  t-seirbhis  fhein,  an  dochas  gu'm  faic 
cuid  de  na  leughas  uime  an  leasan  a  tha  Dia 
a'  teagasg  dhuinn  ann  am  beat  ha  an  duinc 
so,  Seoras  Muller  nach  maireann. 

Cha  ruig  mi  a  leas  eachdraidh  a  bheatha 
innseadh  o'n  toiseach,  no  iomradh  a  dhean- 
amh air  an  obair  mhor  a  rinn  e  ann  am 
Bristol  far  an  do  thog  c  coig  tighean-fasgaidh 
air  son  dhilleachdan,  oir  tha  fhios  aig  an 
t-saoghal  uile  air  an  obair  sin. 

B'e  aon  de  na  puingean  air  an  do  sheas  o, 
gur  coir  do  shluagh  an  Tighearna  am  beath.a 
uile  a  riaghladh  a  reir  nan  sgriobturaii,  agus 
an  obair  uile  a  dheanamh  a  reh  a  thoile. 
Ach  chunnaic  e  nach  robh  na  braithrean  eile 
anns  an  eaglais  de'n  aon  bheachd  ris  a 
tliaobh  fichead  rud  amis  an  robh  e  cinnteach 
gu'm  b'  aithne  dha  ciod  i  toil  an  Tighearna. 
A  dh'  aon  ni,  bha  e  a'  faicinn  gu'n  robh  iad 
ag  iarraidh  airgid  air  son  an  t-soisgeil  o 
dhaoine  nach  robh  iompaichte,  agus  aig  nach 
robh  tiidh  air  bith  anii  an  aobhar  Chriosd, 
agus  bha  esan  cinnteach  nach  robh  sin  ceart 
no  sgriobturaii.  A  thuilleadh  air  sin,  thog 
e  a  ghuth  an.  aghaidh  a  bhi  leigeil  leis  an 
eaglais  a  bhi  tuiteam  ann  am  fiachan,  agus 
an  aghaidh  an  fhasain  a  bha  aice  a  bhi  cur 
dhaoine  mora  (Morairean  is  maithean  eile) 
anns  a'  chathair  aig  coinneamhan,  gun  fheor- 
aich  ciod  an  seorsa  dhaoine  a  bha  annta. 

Mar  sin  chuir  e  air  chois  Comunn  dha 
fhein,  anns  am  biodh  saorsa  aige  obair  an 
Tighearna  a  ghiulan  air  a  h-aghaidh  mar 
bha  e  an  diiil  a  bha  ceart,  agus  thug  e  cuir-  - 
eadh  do  gach  duine  a  bha  de'n  aon  inntinn 
ris  tighinn  a  steach  do'n  Chomunn  so,  agus 


MtJE,  TOG  AN  TIGHEARN  AN  TIGH 


a,  bheatha  a  choisrigeadh  do  Dhia  gim  tuaras- 
dal. 

Riaghailtean  maith. 

B'e  so  riaghailtean  a'  Chouiuinu: — 

I.   Is    e    dleasdanas    agus    sochair    gach 

creidmhich  aobhar  agus  obair  Chriosd 

a  chuideachadh. 
11.   Chan  iarrar  comhnadh  no  fabhar  an 

t-saoghail  ann  an  aobhar  Chriosd,  agus 

chan  earbar  asda. 
111.   Chan  iarrar  airgiod   no   comhairle   no 

cuideachadh   ann   an   aobhar    Chriosd 

o  dhaoine  nach  'eil  a'  creidsinn  ann. 
l\'^   Cha  teidear  ann  am  fiachan  ann  an 

obair  air  bith  a  bhuineas  do  Chriosd. 
V.   Chan  ann  air  bhonn  airgid  no  aireamh 

an  t-sluaigh  a  leanas  sinn  a  thomhsear 

ar  soirbheachadh. 
VI.   Cha  cheadaichear  airm  fheobnhor  'n  ar 

cogadh    spioradail,    no    rud    air    bith 

a    bhreugnaicheas    ar    iianuis    do'n   t- 

saogbal. 
Vll.   Is  e  Facal  an  Tighearna  ar  fear-tcagaisg 

agus  ar  fear-comhairle,  agus  tha  ar  n- 

earbsa  uile  ann  am  beannachd  Dhe  a 

thig  mar  f hreagairt  do  ar  n-iirnuighean. 

Fas  a'  chomuinn. 

B'e  na  nithean  a  bha  's  an  amharc  aig 
Seoras  Muller  an  uair  a  chuir  e  air  chois 
an  eaglais  no  an  comunn  iir  so,  sgoilean 
searchduin  is  Sabaid  a  chur  air  chois  anns 
am  biodh  eolas  na  Firinn  air  a  thoirt  seachad 
do'n  chloinn  le  hichd-teagaisg  a  bha  fo 
chumhachd  na  Firinn  iad  f  hein ;  am  Biobull 
a  chraobh-sgaoileadh  am  fad  is  am  farsuing- 
eachd ;  agus  comhnadh  a  thoirt  do  dhaoine 
a  bha  a'  saothrachadh  ann  an  seirbhis  an 
Tighearna,  ge  b'e  aite  an  robh  iad  ag  oibr- 
eachadh,  ma  bha  iad  a'  saothrachadh  gun 
phaigheadh  agus  a'  sealltuinn  ris  an  Tigh- 
earna a  mhain  air  son  am  beo-shlaint.  Ann 
am  beagan  uine  ghabh  e  os  laimh  curam  a 
ghabhail  do  dhilleachdain  a  bha  air  am  f  agail 
gun  athair  gun  mhathair. 

Dh'  fhas  an  eaglais  so  lion  beag  is  beag ; 
ann  an  da  bhliadhna  bha  mu  dha  cheud  gu 
leth  ci'eidmheach  a'  seasamh  air  na  puingean 
so  maille  ris,  ag  oidhirpeachadh  nithean 
mora  ann  an  seirbhis  an  Tighearna  gun  a 
bhi  ag  iarraidh  airgid  ann  an  doigh  air  bith 
ach  a  mhain  ann  an  urnuigh  ri  Dia. 

Bha  Seoras  Muller  cho  eudmhor  a  thaobh 
na  puinge  so,  's  nach  innseadh  e  do  bhraithre- 
can  usaideach  gu  robh  sporan  na  h-eaglais 
falamh  eadhon  an  uair  a  bhiodh  e  falamh, 
air  eagal  gu'n  saoileadh  iad  gu  robh  e  ag 
iarraidh  airgid,  no  gu'n  gabhadh  iad  doigh 
air  f haotainn  nach  robh  e  fhein  a'  ceadachadh. 


Gus  naidheachd  fhada  a  dheanamh  goirid 
thog  an  duine  so  coig  tighean-fasgaidh  air 
son  dhilleachdan,  a  chosd  £115,000,  agus  a 
dh'  fheumadh  £26,000  de  thighinn-a-stigh 
a  h-uile  bliadhna  'g  an  cumail  suas.  Re 
a  Jjheatha  fhuair  e  muillean  gu  leth 
(£1,500,000) ;  chuir  e  £250,000  ann  an  obair 
an  t-soisgeil  anns  na  diithchannan  thall  agus 
ann  an  craobh-sgaoileadh  a'  Bhiobuill,  agus 
thog  is  bheathaich  is  dh'  oileanaich  e  sc 
fichead  's  a  tri  mile  dilleachdan  (123,000). 
Agus  fad  na  h-iiine  a  bha  e  ris  an  obaii' 
mhor  agus  bheannaichte  sin,  cha  do  labhair 
e  aon  fhacal,  is  cha  do  sgriobh  e  aon  litij', 
a'  baigearachd  airgid.  An  uair  a  bhiodh 
airgiod  a'  dhith  air  chuireadh  e  fheum  an 
lathair  an  Tighearna  ann  an  urnuigh,  cinnt- 
each  gu'm  freagradh  Dia  e,  agus  bha  e 
daonnan  a'  faotainn  a  reir  a  chreidimh. 

Falamh  dheth  fhein. 

Theagamh  gu'n  abair  cuid  de  na  leughas 
an  duilleag  so  nach  'eil  ann  an  so  uile  ach 
sgeul  air  nach  'eil  dreach  na  firinn,  oir  chan 
'eil  earbsa  air  bith  aca  ann  an  urnuigh  mar 
mheadhon  air  son  airgiod  a  thruiseadh.  Cha 
bhiodh  moran  earbsa  agam-sa  ann  mi  fhein 
na'n  robh  an  t-airgiod  a  bhatar  ag  iarraidh 
ann  an  urnuigh  ri  bhi  air  a  chosd  air  nithean 
faoin  no  suarrach,  air  nithean  nach  deanadh 
ach  toil  is  tograidhean  na  feola  a  riarachadli ; 
ach  is  rud  eile  e  an  uair  a  tha  an  t-airgiod  ri 
bhi  air  a  choisrigeadh  uile  gu  leir  do  aobhar 
an  Tighearna  fein  agus  a  chum  gloir  ainnie, 
gun  uiread  agus  aon  iarrtus  beag  a  bhi  ann 
an  cridhe  an  duine  a  tha  ag  urnuigh  nach 
'eil  a  reir  toil  Dhe. 

Ach  ged  tha  mise  a'  creidsinn  a  h-uilo 
facal  de  na  tha  Seoras  Muller  ag  innseadh 
mu'n  doigh  anns  an  robh  Dia  a'  freagairt 
tirnuighean  an  uair  a  bhiodh  feum  aig 
tighean-nan-dilleachdan  air  airgiod,  tha  mi 
a'  creidsinn  cuideachd  gu'm  biodh  e  dana  do 
dhaoine  eile  eiseimpleir  a  leantuinn,  a  chionn 
nach  'eil  ach  duine  anns  a'  mhile  a  tha  air 
fhalmhachadh  cho  buiieach  dheth  fhein  's  a 
bha  an  duine  diadhaidh  ud. 

Cha  robh  gaol  aig  Seorsa  Muller  air  airgiod 
air  a  shon  fein ;  bha  e  'n  a  ni  suarrach  'n  a 
shuilean  ach  a  mhain  air  son  an  t-soisgeil  agus 
nan  dilleachdan.  An  uair  a  shiubhail  e  cha 
robh  de  shaoibhreas  an  t-saoghail  so  aige  ach 
tri  fichead  not,  ach  ged  bha  e  bochd  'n  a 
chrannchur  shaoghalta  bha  e  beartach  a 
thaobh  creidimh,  is  graidh,  is  iochd ;  'n  a 
dhuine  a  bha  cur  seachad  a'  chuid  mhor  d'a 
iiine  air  a  ghliiinean  ann  an  athchuingc 
dhurachdach  ri  Dia. 

Ach  ciod  a  shaoileadh  Seoras  Muller,  no 


MUPv  TOG  AN  TIGHEARN  AN  TIGH— SEARMON  GUN  CHEANN-TEAGAISG    7 


ciod  a  shaoileadh  an  t-abstol  Pol,  na'n  tach- 
radh  dhaibh  dol  a  steach  an  diiigh  gu  aon 
de  na  feilltean  leis  am  bithear  a'  truiseadh 
jiirgid  air  son  an  t-soisgeil,  agus  na'n  iarradh 


caileag  riomhach  phroiseil,  nach  enala  riamh 
iomradh  air  a'  ghairm  eifeachdaich,  orra 
tasdan  a  ph^igheadh  air  son  cudthrom  a' 
clioilich  a  hha  'n  a  laimh  a  thomhas  ? 


Searmon  gun  cheann-teagaisg 


Le  Ministear  gun  ainm 


AIR  uairean  bitbidh  sibb  a'  gearan  g\\  bheil 
mo  shearmoin  tioram,  agus  theagamii  gu 
bheil  sin  fior,  ach  chan  ann  agamsa  a  tha 
a'  choire  uile  gu  leir,  oir  ma  tha  a'  chiibaid 
tioram  tha  na  suidheachain  cadalach.  Mar 
sin  cha  ghabh  mi  ceann-teagaisg  an  diugh, 
agus  cha  roinn  mi  mo  sheanchas  fo  tlu'i 
cinn  agus  co-dhiinadh,  ach  innsidh  mi  naidh- 
eachd  dhuibh  mu  sheana  bhean  a  bha  ann 
an  suidheachadh  bochd  agus  iosal  am  fianuis 
dhaoine  ach  a  bha  saoibhir  agus  uasal  am 
fianuis  nan  ainglean,  Iseabal  Nic  Coinnich,  a 
sliiubhail  anns  an  Tigh-eiridinn  am  Peairt, 
far  am  faca  mi  i  da  no  tri  dh'uairean. 

Ged  nach  robh  eolas  agam  oirre  roimh 
laimh  chuala  mi  gur  ann  do  aon  de  na 
h-Eileanan  Siar  a  bhuineadh  i,  agus  gu  robh 
Gaidhlig  aice,  agus  stad  mi  greis  ri  taobh 
a  leapa  a  bhruidhinn  rithe. 

Bha  i  a'  basachadh  le  cancer,  ach  bha  a 
Ian  thiir  aice  agus  'comas-bruidhne,  oir  bha 
na  lighichean  a'  toirt  dhi  rud-eigin  a  mhiich- 
adh  goirteas  a  feola. 

Bha  i  fichead  bliadhna  'n  a  bantraich,  ach 
a  h-uile  uair  a  chunnaic  mi  i  b'e  toiseach  agus 
deireadh  a  seanchais  maitheas  an  Tighearna 
a  thug  dhi  duine  cho  maith  agus  cho  laghach 
vi  Eachann  MacCoinnich  mar  cheile-posda, 
agus  na  laithean  sona  a  bha  aca  comhla. 

Chreid  mise  na  thubhairt  am  boirionnach 
rium,  agus  ann  an  urnuigh  ghoirid  a  rinn  mi 
aig  taobh  a  leapa  thug  mi  buidheachas  do 
Dhia  air  son  nan  tiodhlacan  beannaichte  a 
bhuilich  e  air  an  fhear  na-ch  bu  mhaireann, 
ach  an  deidh  laimhe  chuala  mi  iomradh  eile 
air  Eachann  MacCoinniclx  a  chuir  gu  smuaiu- 
eachadh  mi. 

Speuclairean  eile. 

La  a  bha  mi  anns  an  Tigh-eiridinn  thachair 
do  mhac  dhi  a  bhi  'g  a  h-amharc,  agus  an 
deidh  dhuinn  dol  a  mach  as  an  t-seomar 
dh'innis  e  dhomh  nach  robh  ami  an  Eachann 
Mac  Coinnich  ach  duine  leasg,  a  leig  le 
uallach  a  thighe  agus  a  theaghlaich  tuiteam 
air  Iseabal  fad  nam  bliadhnachan  a  bha  iad 
])6sda. 

"  Bha  m'athair  laghach  gu  leor,"  ars 
esan,   "ach   cha   robh    feum    ann;    bfhearr 


leis  a  bhi  'n  a  tliamh  na  ])]\i  ag  obair,  leigeadh 
e  le  mo  mhathair  a  bbi  air  a  saruchadJi  a" 
cosnadh  ar  loin  dhuinne  an  uair  a  bha  siiin 
beag  agiis  e  fhein  diomhanach,  chan  ann  a 
chionn  nach  gabhadh  obair  faotainn  ach  a 
chionn  nach  bu  toigh  leis  obair." 

"  Tha  thu  a'  cur  ionghnaidh  orm,"  thubh- 
airt mi  ris,  "  oir  chan  e  sin  idir  an  seorsa 
duine  a  bha  'n  ad  athair  a  reir  do  mhathar ; 
bitbidh  i  a'  bruidhinn  uime  mar  nach  robb 
naomh  riamh  air  thalamh,  cho  maith  no  clio 
beannaichte  ris . ' ' 

"  Tha  fhios  agam  gu'm  hi,"  ;irs  esan, 
"  agus  bha  mise  mi  fhein  'g  a  chroidsinn  sin 
an  uair  a  bha  mi  'n  am  bhalach.  Bhiodh 
mo  mhathair  ag  earalachadh  oirnn  gun  sgur 
eisiomplair  m'athar  a  leantuinn  anns  gaeh 
ceum,  agus  a  thaobh  's  gu'n  robh  e  'n  a 
dhuine  laghach  geanail  agus  Ian  dibhearsain 
bha  mi  a'  creidsinn  gur  e  duine  maith  agus 
uasal  a  bha  'n  am  athair.  Ach  an  uair  a  bha 
mi  mu  choig  bliadhna  deug  thoisich  teagamh 
air  tighinn  'n  am  inntinn  nach  robh  m'athair 
idir  cho  maith  no  cho  beannaichte  's  a  bha 
mo  mhathair  a'  saoilsinn,  agus  an  uair  a 
chunnaic  mi,  aii  deidh  dha  an  saoghal  so 
fhagail,  nach  do  rinn  a  bhas  atharrachadh 
air  bith  anns  an  teaghlach  againn  ach  a 
mhain  gu'm  b'fheudar  do  mo  mhathair 
oibreachadh  na  bu  chruaidhe  a  phaigheadh 
cosdus  a  thiodhlacaidh,  bha  mi  cinnteach 
nach  robh  uaisle  air  bith  ann  am  athair  acli 
na  chuir  suil  ghaolach  mo  mhathar  ann. 
Uair  's  a'  bhliadhna  dh'fhalbhadh  i  leinn 
agus  sinn  ann  seachdnar,  an  deidh  ar  n- 
aodann  a  nigheadh  agus  ar  n-eudach-Sabai(l 
a  chur  umainn,  gu  uaigh  m'athar  anns  a' 
chladh,  a'  feuchainn  ri  cuimhne  air  a  chiunail 
beo  'n  ar  n-inntinnean  oga  mar  dhuine  maith 
agus  beannaichte  air  nach  robh  an  saoghal 
so  airidh." 


Sin  agaibh  mo  shearmon  an  diugh,  agus 
leigidh  mi  leibh  fein  ceann-teagaisg  fhaotainn 
dha.  Rachadh  agam  air  da  cheann-teagaisg 
fhaotainn  a  ])hiodh  freagarrach,  ach  is  fhearr 
dhuibh-se  an  fbeadhainn  air  an  ciumhnich 
sibh  fein. 


Cinn-itiil  na  saorsa 


Leis  an   Urramach  Alasdair  Mac  Fhionghuinn,  Ph.  D.,  an  Cill-mo-naomliaig 


ANNS  a'  chomh-stri  chrnaidh  anns  am  bheil 
roinn  mhor  de'n  t-saoghal  an  sas  an  diugh, 
tha  ceathrar  cheannardan  anns  an  domhan 
aig  am  bheil  cliu  agus  ilghdarras  a  tha  uile 
gu  leir  sonruichte  :  is  iad,  Winston  Churchill, 
Franklin  Roosevelt,  Iain  Smuts,  agus  Chiang- 
kai-Shek.  Tha  a'  cheathrar  iomraiteach  sin, 
ged  a  b'fhad  o  cheile  an  togail  agus  an  oilein, 
mar  ])hraithrean  aoin  teaghlaich  a  thaobh 
am  beachdan,  am  prionnspalan,  agus  an 
spioraid  ciird  mhisneachail  a  tha  annta. 

Tha  e'  n  a  aobhar  taingealachd  dhuinn 
uile  a  bhi  a'  faicinn  a  leithid  de  aonachd 
spioradail  eadar  priomh  phearsachan 
dhixthchanna  oho  fad  o  cheile,  chan  ami  a 
mhain  a  thaobh  astair,  ach  mar  an  ceudna 
n'an  eachdraidh  agus  n'an  cleachdaidhean ; 
oir  tha  iadsan  a'  seasamh  agus  a'  labhairt 
gach  fear  air  son  a  dhuthcha  cho  maith  ri 
air  a  shon  fhein.  Is  ann  do  bhrigh  gu  ])heil 
iad  a'  ciu"  an  ceill  bheachdan  agus  riiiiitean 
na  mor-chuid  de'n  shiagh  a  tha  na  their 
iad  cho  cudthromach  agus  cho  cumhachdach : 
tha  iad  a'  tuigsinn  an  sluaigh ;  agus  a'  cur 
ann  an  cainnt  agus  ann  an  gniomh  nam 
prionnsjml  sin  air  am  bheil  meas  aig  an 
sluagh. 

Anail  na  beatha. 

Ciod  is  aobhar  do'n  aonachd  spioradail 
so  ?  Nach  e  gu  bheil  an  iinitinn  spioradail 
annta  uile,  leis  am  bheil  iad  a'  tuigsinn  gu 
soilleir  agus  a'  gradhachadb  gu  laidir  ard- 
mhaith  agus  fior  bheatha  mhic  an  duine, 
c'aite  air  bith  a  bheil  e  air  an  talamh  ?  Tha 
iad  le  cheile  a'  faicinn  agus  a'  faireachduinn 
nmr'eil  daoine  a'  sealbhachadh  saorsa — 
saorsa  inntinn,  saorsa  facail,  saorsa  coinnimh, 
saorsa  creidimh,  saorsa  am  beatha  a  chaithe- 
amb  agus  orduchaclh  a  reir  an  t^ligse  fein, — 
nach  fhiach  an  corr  de'm  beatha  'an 
t-saothair ;  ged  a  dh'fhanas  ciniiadh  duine 
air  an  colluinn,  gu  bheil  an  spiorad  annta 
air  a  chromadh,  agus  air  a  sharachadh. 

Tha  e  fior  gu  bheil  tuilleadh  is  saorsa 
feumail  do  dhaoine ;  gu  bheil  dleasdanas, 
agus  seirbhis,  agus  fulangas  co-eheangailte 
ri'n  crannchur ;  ach  direach  do  bhrigh  an 
uallaich  a  bhuineas  dhuinn  gu  nadurra  anns 
an  t-saoghal,  tha  saorsa  cho  feumail  d'ar 
spiorad  gu  bhi  a'  giiilan  ar  n-uallach  is  a  tha 
anail  nan  neamh  feumail  d'  ar  coluinn.  An 
viair  a  bhitheas  duine  ag  obair,  crom  an 
garadh  no  an  dail,  is  fheudar  dha  e-fein 
a  dhireachadh,  an  drasd  is  a  rithist,  is  anail 
fhada  a  tharruing,  ma  tha  e  'dol  a  leantuinn 


air  a  ghnothuch ;  ach  ma  tha  a  spiorad  air 
a  mhtichadh  ann,  agus  e  air  a  thoirmeasg 
dha  e-fhein  a  dhireachadh  mar  dhuine  tha  a 
chrannchur  truagh  da-rireadh ;  oir  tha  e 
ni's  seirbhe  le  daoine  a  shealbhaich  fallaine- 
achd  na  saorsa  a  bhi  fo  fhoirneart  spioraid  na 
bhi  ri  saothair  chruaidh. 

Anns  an  diithaich  so,  ann  an  America, 
anns  gach  cearn  de'n  iompaireachd  Bhreat- 
unnach  agus  ann  an  China  anns  na  laithibh 
deireannach  so,  tha  sud  air  a  thuigsinn  cho 
soilleir  agus  air  fhaireachduinn  cho  geiu' 
leis  an  t-sluagh  an  cumantas,  is  gu  bheil  e 
'g  an  aonadh  gu  bhi  a'  dion  na  sochair 
phriseil,  a  tha  Hitler  a'  toirt  gu  crich  anns 
gach  rioghachd'  a  cheannsaicheas  e.  Agus 
do  bhrigh  sin,  tha  na  cinn-iiiil  air  am  bheil 
mi  a'  labhairt — Churchill,  Roosevelt,  Smuts, 
agus  Chiang — a'  labhairt  mar  le  aon  ghuth 
aim  an  ainm  cloinne  na  saorsa  feadh  an 
t-saoghail  uile. 

Is  claidheamh  am  facal. 

Ach  tha  tuilleadh  na  sin  ri  radh  mu  thim- 
chioll  nan  armunn  ud.  Chan  e  a  mhain 
gu  bheil  iad  a'  labhairt  ann  an  ainm  na 
cuid  is  fearr  de'n  sluagh,  ach  tha  iad  mar 
an  ceudna  a'  soilleireachadh  agus  a'  neart- 
achadh  nan  uile'arin  an' aobhar  na  saorsa. 
Anns  gach  duthaich  gheibhear  moran  a  tha 
a'  sealbhachadh  nan  sochairean  is  priseile, 
ach  a  tha  gle  shuarach  umpa ;  daoine  nach'eil 
a'  tuigsinn  cho  cinnteach  is  a  chaillear 
sochairean  mxu"  a  bithear  eudmhor  agus 
treini  'g  an  dion. 

Tha  e  cinnteach  gu  bheil  e  sonruichte 
duilich  do  mhuinntir  America  agus  Africa- 
mu-dheas,  cho  fad  air  falbh  o'n  Ghearmailt, 
a  ghabhail  gu  cridhe  gu  bheil  an  ard  shochair- 
ean  ann  an  cunnar^.  Ma  ta,  nach  fabharach 
am  Freasdal  a  thog  'n  am  measg  ceannardan 
cho  geur-sheallach,  cho  Ian  tuigse,  glioeais, 
agus  eud  ri  Roosevelt  agus  Smuts,  agus  aig 
am  bheil  cumhachd  cainnte  a  ruigeas  na 
h-uile,  a  dhealbhas  dhaibh  araon  an  sochair- 
ean agus  an  cunnart,  agus  a  dhuisgeas  annta 
ciiram  agus  toil  gu  bhi  a'  deasachadh  an  uile 
chumhachd,  agus  'g  an  cur  fein  an  ixidbeam 
a  dhion  an  coirichean  priseil ! 

Le  cinn-iuil  cho  Ian  soluis,  cho  eudmhor, 
cho  misneachail,  cho  creidmheach,  tha  clann 
na  saorsa  a'  faotainn  cothroim,  a'  cuideachadh 
a  cheile,  agus  ag  ullachadh  brisidh  do  oidhirp 
bhreun  an  fhoirneartaich.  Cha  chreid  mise 
nach  ann  air  Facal  an  De  bheo  agus  a 
mhaireas  gu  siorruidh  a  dh'oileinicheadh  a 
cheathrar. 


Aireamh  8 


1942 


Seirbhiseach  Dileas 

Aindreas,  brathair  Shmioin  Pheadair. — Eoin,  i.  40 


A  THAOBH  buadhan  inntinn  agus  comas- 
labhairt  chan  urrainnear  Aindreas  a  choimeas 
ri  Peadar,  a  bhrathair,  no  ri  Eoin,  no  ri 
Pol,  oir  cha  d'thug  Dia  dha  .na  talantan  a 
thug  e  dhaibhsan.  Ach  rinn  e  feuni  maith 
de  na  talantan  a  fhuair  e,  agus  ged  nach 
robh  e  cho  ainmeil  riusan  bha  e  a  cheart  cho 
dileas.  Tha  eadar-dhealachadh  eadar  reult 
agus  reult  a  thaobh  gloire,  ach  is  ann  anns 
an  aon  iarmailt  a  tha  iad  a'  dealradh,  agus 
is  e  cumhachd  agus  gliocas  an  aon  Ti  a  tha 
iad  a'  foillseachadh. 

Bha  Aindreas  'n  a  dhuine  iriosal.  Cha 
robh  e  air  a  sheideadh  suas  le  uabhar  no 
fein-speis.  Cha  ghabhadh  e  fearg  no  saoibh- 
neas  a  chionn  gu  robh  toiseach  aig  feadhainn 
eile  air ;  bha  e  macanta  'n  a  chridhe  agus 
'n  a  ghiiilan.  Cha  robh  na  h-abstoil  uile 
macanta,  co  dhiubh  an  toiseach,  oir  tha 
uabhar  agus  fein-speis  an  duine  nadurra 
duilich  an  spionadh  as  am  bun. 

Chan  'eil  e  duilich  a  bhi  eudmhor  ann  an 
aobhar  maith  ma  gheibh  sinn  cliii  air  a 
shon,  agus  ma  bheirear  dhuinn  a'  chathair 
as  fhearr  anns  a'  chuideachd.  Ach  is  rud 
eile  leantuinn  oirnn  gun  duals,  gun  chliu, 
gun  fhios  a  bhi  aig  daoine  air  ar^n-obair. 
An  uair  a  thachras  tu  air  duine  a  tha  Ian 
thoilichte  an  obair  a  dheanamh  agus  leigeil 
leis  a'  chliu  no  leis  an  urram  dol  gu  neach 
eile  faodaidh  tu  a  bhi  cinnteach  gur  duine 
iriosal  e,  agus  gu  bheil  tomhas  maith  'n  a 
chridhe  de  'n  ghradh  sin  nach  gabh  farmad, 
nach  dean  raiteachas,  nach  giulain  c  fein 
gu  mi-chiatach. 

A'  cheud  dheisciobul. 

B'  e  Aindreas  ceud  thoradh  obair  Chriosd, 
a'  cheud  dheisciobul  a  thog  a  chrann-ceusaidh 
agus  a  lean  an  Slanuighear.  Ged  nach  'eil 
Eoin  a'  tigh'nn  thairis  air  na  thuirt  losa  ris 
nuair  a  choinnich  iad,  tha  e  coltach  gu  "n 
robh  cridhe  Aindreis  air  a  ghluasad  gu  mor, 
oir  chaidh  e  mach  le  cabhaig  a  dh'  innseadh 
d'  a  bhrathair  ciod  a  fhuair  e.  Dh'  fhaodadh 
e  a  radh  mar  thuirt  an  Salmadair,  cha  d' 
fholuich  mi  t-fhireantachd  am  chridhe. 


Dh'  fliairich  Aindreas  nach  e  mhain  gu  'n 
robh  e  air  a  ghairm  gu  bhi  'n  a  dheisciobul, 
ach  gu  'n  robh  e  air  a  ghairm  mar  an  ceudna 
gu  bhi  'n  a  fhianuis.  Chan  ann  air  na 
h-abstoil  a  mhain  a  dh'  i^rr  Criosd  fianuis 
a  thoirt  seachad,  ach  air  a  h-uile  duine  ann 
an  comunn  nan  creidmheach.  Tha  e  mar 
f  hiachaibh  orrasan  a  bhlais  deagh  thiodhlac 
Dhe  am  fianuis  a  thoirt  do  'n  t-saoghal. 
Rinn  Aindreas  sin  am  measg  a  dhaoine  fein. 
an  toiseach,  agus  an  deidh  laimhe  am  measg 
choimheach. 

B'  e  Peadar  ceud  thoradh  obair  shoisgeul- 
ach  Aindreis,  agus  ann  a  bhi  toirt  a  bhrathar 
gu  Criosd,  rinn  e  an  obair-latha  a  b'  fhearr 
a  rinn  e  riamh  'n  a  bheatha. 

Cha  robh  naire  air  Aindreas  labhairt  r'a 
bhrathair  mu  nithean  spioradail.  Aidichidh 
sinn  uile  nach  robh  aobhar  air  bith  gu  'm 
bitheadh,  ach  'na  dheidh  sin  's  air  fad,  is  e 
gle  bheag  de  dhaoine  as  urrainn  am  beul 
f  hosgladh  mu  nithean  spioradail  ri  'n  cairdean 
fhein.  Ann*an  aon  seagh  tha  sin  nadurra, 
agus  chan  'eil  e  idir  fior  gur  e  cion  eud  no 
deagh  dhurachd  a  tha  'g  an  cumail  samhach. 

Am  gu  bhi  tosdach. 

Ma  chuirear  a'  cheist — An  coir  do  Inchd- 
aideachaidh  a  bhi  seanchas  daonnan  mu  nithean 
spioradail,  's  a  bhi  toirt  rabhaidh  do  gach 
peacach  a  thachras  orra,  chan  'eil  a'  cheist 
idir  furasd  a  fuasgladh.  Chan  'eil  an  rud 
a  tha  laghail  gu  leor  do'n  dara  duine  dligheach 
do  dhuine  eile,  agus  cha  mho  a  thairngeas  ar 
dleasdanas  sinn  air  an  aon  cheum.  Tha 
tiodhlacan  Dhe  lionmhor,  agus  chan  e  an 
aon  seorsa  talant  a  tha  e  a'  toirt  do  na  h-uile. 
Thug  e  gibht  teagaisg  do  chuid,  gibht 
comhfhurtachaidh  do  chuid  eile,  agus  chan 
'eil  teagamh  nach  d'  thug  e  do  dhuine 
sonruichte  an  sid  agus  an  so  gibht  leis  an 
urrainn  dhaibh  maith  a  dheanamh  d'an 
co-chreutairean  le  seanchas  pearsonta. 

,Ma  fhuair  neach  a'  ghibht  sin  ann  an 
tomhas  cothromach,  is  coir  dha  a  cleachdadh, 
agus  ma's  duine  tiirail  e,  cha  dean  a  bhriath- 
ran  cron.    Ach  is  beag  an  aireamh  dhaoine 


SEIRBHISEACIH  DILEAS 


aig  a  bheil  an  talant  sin,  ged  is  mor  an 
aireamh  a  tha  an  duil  gu  bheil  i  aca.  Tha 
e  furasd  do  dhaoine  iad  fein  a  mhealladh, 
agus  a  bhi  saoilsinn  gur  e  eud  spioradail  a 
tha  'g  am  brosnuchadh  gu  bhi  bruidhinn  air 
Dia  's  air  siorruidheachd  ris  gach  sean  is  6g 
a  thachras  orra,  nuair  is  e  da  rireadh  fein- 
speis,  is  fein-fhireantachd,  is  gaol-bruidhne 
a  tha  toirt  fuasglaidh  d'  an  teanga. 

Tha  moran  dhaoine  ann  a  dheanadh 
barrachd  seirbhis  do  rioghachd  Dhe  na'm 
fanadh  iad  samhach  no  ni  iad  gu  brath  le  'n 
seanchas.  Nuair  a  labhras  duine  air  nithean 
folaichte  na  beatha  spioradail  agus  air  obair 
Dhe  'n  a  anam  fein,  mar  nach  biodh  e  ach 
a'  bruidhinn  air  an  t-sid  no  air  ciiisean 
Parlamaid,  chan  'eil  'n  a  chaiiint  ach  diomh- 
anas  is  mi-mhodh,  agus  chan  'eil  ann  fein 
ach  ciombal  a'  gleangarsaich . 

Fagaidh  e  droch  bhias  am  beul  na  feadh- 
nach  a  dh'  eisd  ris  air  sgath  siobhaltachd, 
agus  an  aite  an  taladh  gu  diadhaidheachd 
dWsgidh  e  arnita  smuaintean  eile. 

Anns  a'  chuis  so,  mar  ann  an  nithean  as 
motha  is  coir  dhuinn  eiseimpleir  ar  Maighstir 
a  leantuinn.  Bha  esan  deas  gu  comhradh  a 
dheanamh  ri  neach  sam  bith  a  chuireadh 
ceist  air,  no  dh'  iarradh  a  chomhairle,  no 
thigeadh  thuige  le  teagamh  no  le  duileadas. 
B'  aithne  dha  ciamar  a  ghabhadh  e  cothrom 
air  an  fhacal  fhreagarrach  a  labhairt  aig  an 
am  cheart  agus  ris  an  duine  cheart,  aciJ  cha 
d'  fhosgail  e  a  chridhe  no  bheul  do  choigrich, 
agus  cheil  e  eadhon  air  a  chairdean  (na 
h-abstoil)  barrachd  's  a  dh'  innis  e  dhaibh. 
Ma  rinn  e  pairt  de  fhiosrachadh  anma 
follaiseach,  dh'  fhag  e  moran  dheth  foluichte, 
agus  cha  b'  urrainn  neach  sam  bith  a  chur 
as  a  leth  gu'n  robh  e  bruidhneach. 

Dleasdanas  pharantan. 

Ach  ged  nach  'eil  e  freagarrach  gu'ni  biodh 
luchd-aideachaidh  a'  ceasnachadh  chairdean 
is  choimhearsnach  gun  sgur  agus  a'  feoraich 
dhiubh  an  d'  iompaicheadh  iad,  tha  e  ceart 
gu'n  deanadh  parantan  air  son  an  cloinne  an 
ni  a  rinn  Aindreas  d'a  bhrathair.  Le  bhi  'g 
an  teagasg  ann  an  eolas  an  t-soisgeil  gu 
ciiramach,  le  bhi  a'  cur  eiseimpleir  cheart 
m'an  conneamh,  agus  le  bhi  'g  an  taladh 
anns  gach  doigh  as  urrainn  iad  gus  an  inntinn 
a  shocruchadh  air  nithean  ceart  is  urramach 
is  fior-ghlan,  bheir  parantan  an  clann  gu 
Criosd.  Faodaidh  clann  gun  coiseachd  air 
an  t-slighe  cheart  ged  a  fhuair  iad  a  h-eolas, 
ach  am  bitheantas  gabhaidh  an  nadur  Itibadh 
mar  a  thoilicheas  am  parantan,  ma  thoisicheas 
iad  trath  agus  ma  leanas  iad  le  tuigse  is 
faidhidinn. 


Ach  is  e  ^sin  an  dearbh  ni  nach  dean  moran 
pharantan.  Tha  cho  beag  suim  aca  do  chor 
spioradail  an  cloinne  's  mur  b'  e  am  beagan 
eolais  air  a'  Bhiobull  a  thruiseas  na  paisdean 
anns  an  sgoil,  gu'm  fasadh  iad  suas  cho 
aineolach  air  an  t-soisgeul  ri  treubhan  borb 
na  h-Afric.  Agus  sin  clann  luchd-comanach- 
aidh. 

Chan  'eil  e  coltach  gu'm  faca  Aindreas 
moran  de  thoradh  a  shaothrach  anns  na 
cearnaibh  anns  an  do  shearmonaich  e  an 
soisgeul  an  deireadh  a  latha.  Ach  cha  do 
chain  e  a  mhisneach  agiis  cha  d'  thug  e 
thairis ;  bha  e  dileas  gu  bas.  Chual  e  le 
chluasan  fein  an  t-6rdugh  a  thug  Criosd  do 
na  h-abstoil,  iad  a  dheanamh  deisciobuil  de 
na  cinnich  uile.  Cha  robh  Aindreas  eas- 
umhail,  agus  b'  urrainn  e  a  radh  mar  thuirt 
am  faidh,  "  Tha  facal  an  Tighearn  ann  am 
chridhe,  mar  gu'm  b'e  teine  loisgeach  air  a 
dhruideadh  suas  ann  am  chnamhan,  agus 
ged  sgithich  mi  'ga  chumail  a  steach,  chan 
urrainn  mi." 

Chan  urrainn  an  eaglais  soirbheachadh  ma 
ni  i  dearmad  air  an  aithne  so.  Nuair  a  dh' 
fhasas  eud  soisgeulach  na  h -eaglais  fann,  tha 
bliadhnachan  na  gorta  air  teachd.  Tha  i 
dluth  do'n  bhas.  Ma  tha  facal  an  Tighearn 
agus  an  deagh  sgeul  a  tha  e  a'  toirt  chugainn 
priseil  dhuinn  fhein,  bidh  iarrtus  againn  air 
an  tiodhlac  luachmhor  a  thoirt  dhaibhsan 
nach  d'  fhuair  e  fhathast.  Ach  mur  h-eil 
e  'na  aran  beatha  dhuinn  fein  chan  'eil 
ionghnadh  ged  bhitheamaid  caoin-shuarach 
CO  dhiubh  gheibh  no  nach  faigh  daoine 
eile  e. 

Dileas  anns  a'  bheagan. 

Cha  robh  buadhan  mora  inntinn  aig 
Aindreas  ach  chleachd  e  an  comas  a  fhuair 
e,  is  bha  e  dileas  anns  a'  bheagan.  Tha  sinn 
an  diiil  gu'n  abradh  a  choimhearsnaich  gu'm 
b'  fhior  Chriosduidh  e  aig  taobh  a  theine 
fein;  agus  cha  b'  urrainn  dhaibh  teisteanas 
a  b'  fhearr  a  thoirt  dha.  Tha  iomadh  neach 
air  a  bheil  ainm  na  diadhaidheach  aig  coigrich, 
nach  faigheadh  an  t-ainm  sin  bho  'n  fheadh- 
ainn  a  tha  fuireach  's  an  aon  tigh  ris.  Tha 
iad  'n  an  abstoil  am  fianuis  an  t-saoghail  ach 
doicheallach  aig  taobh  an  teine.  Is  mor  an 
rud  e  gu'n  abradh  a  bhean  's  a  chlann  fein 
rau  dhuine,  gu  bheil  e  daonnan  ciiiin  is 
coibhneil  is  coguiseach,  glan  'n  a  theangaidh 
is  firinneach  'n  a  glwiilan. 

Faodar  a  radh  mu  Aindreas  gu'n  robh  e 
'na  dhuine  iriosal,  'n  a  bhrathair  blath- 
chridheach  agus  'n  a  sheirbhiseach  dileas. 
Chan  urrainear  moladh  as  airde  na  sin  a 
dheanamh  air,  oir  is  e  f ior  dhuine  ainneamh 
as  airidh  air  a'  chliu  so. 


Anns  a'  Chathair 


UAIR  a  bha  mi  a'  leughadh  na  treas  litir  a 
sgriobh  Eoin  chunnt  mi  na  facail  innte  ;  tha 
219  innte  anns  a'  Ghreigis,  294  anns  a' 
Bheurla,  agus  387  anns  a'  Ghaidhlig.  Tha 
sin  a'  dearbhadh  gu  bheil  grinneas  is  snas 
anns  a'  Ghreigis  os  cionn  chMch  ;  cuiridh 
i  moran  brighe  ann  am  beagan  btichd.  Chan 
'eil  ach  aon  fhacal  anns  a'  Ghreigis  air  son 
na  seachd  so  anns  a'  Ghaidhlig,  leis  am  miann 
ard-cheannas  a  bhi  aige  (9). 

Tha  moran  dhaoine  an  duil  gu  robh  na 
seann  laithean  na  b'  fhearr  na  na  laithean  so  ; 
gu'n  robh  barrachd  graidh  is  diadhaidheachd 
anns  an  eaglais  o  shean  na  tha  innte  an 
diugh,  ach  tha  an  litir  so  a'  nochdadh  dhuinn 
gu'n  robh  an  eaglais  ann  an  IMthean  nan 
Abstol  car  coltach  ris  an  eaglais  an  diugh; 
cha  robh  na  ceud  Chriosduidhean  iomlan  no 
uile  naomh;  bha  iad  cosmhuil  ruinn  fein. 
cuid  dhiubh  anns  an  robh  spiorad  iriosal  is 
macanta  an  t-Slanuigheir  ach  cuid  eile  dhiubh 
cho  Ian  de  fheinealachd  's  a  tha  an  t-ubh  de 
bhiadh. 

Tha  an  litir  so  a'  toirt  ceathrar  dhaoine  f '  ar 
comhair ;  Eoin  an  t-abstol,  Demetrius  an 
soisgeulaiche,  Gains  brathair  coir  agus  diadh- 
aidh,  agus  Diotrephes  brathair  briathrach 
agus  dranndanach.  Chan  abair  mi  an  corr 
^mu  thimchioll  na  ceud  dithis  ach  bu  mhaith 
learn  rud  no  dha  a  radh  mu  'n  dithis  eile. 

Teisteanas  maith. 

(1)  Agus  gus  a  h-4ite  fhein  a  thoirt  do'n 
uaisle,  toisicheamaid  le  Gains.  Tha  Eoin  a' 
labhairt  uime  mar  so,  "  fear  mo  ghraidh  d' 
am  bheil  gradh  agam  ann  am  firinn." 
Dh'  fhaodadh  Gains  a  bhi  mor  as  fhein  air 
son  an  teisteanais  sin,  oir  a  mach  o  bhi  air 
aideachadh  le  Dia  fein  ciod  am  moladh  a 
b'  airde  na  teisteanas  maith  fhaotainn  o'n 
abstol  Eoin — athair  na  h-eaglais  agus  an 
duine  a  bu  naoimhe  air  thalamh.  Chan  'eil 
teagamh  nach  d'  fhuiling  Gains  moran  o 
theanga  Dhiotrepheis,  agus  nach  robh  e 
iomadh  la  air  a  ghonadh  'n  a  chridhe  an  uair 
a  chitheadh  e  an  duine  olc  sin  (agus  cumhachd 
aige  anns  an  eaglais)  ag  oibreachadh  'n  a 
aghaidh,  ach  an  uair  a  leughadh  e  litir  an 
abstoil  Eoin  agus  na  facail  sin  gu  sonruichte. 
Gains  fear  mo  ghraidh  d'  am  bheil  gradh  agam 
ann  amfirinn,  bu  bheag  aige  ciod  a  theireadh 
Diotrephes  uime  tuilleadh. 

Tha  an  fhailte  a  chuir  Eoin  air  Gains  car 
annasach ;  is  e  mo  ghuidhe,  ars  esan,  "  gu'm 
bitheadh  tu  slan  mai'  a  tha  soirbheachadh  le 
d'  anam."  Na'n  cuireadh  aon  d'ar  cairdean 
an  fhailte  sin  oirnne ;    na'n  abradh  e,  Tha 


mi  an  ddchas  gu  bheil  do  bhodhig  cho  slan  ri 
d'  anam,  bhiodh  amharus  againn  gu  robh  e, 
an  dara  cuid,  a'  magadK  oirnn,  air  neo  nach 
robh  e  a'  guidhe  tomhas  mor  air  bith  de 
shlainte  cuirp  dhuinn.  Ach  bha  Eoin  cho 
cinnteach  gu  robh  fas  nan  gras  air  anam 
Ghaiuis  's  nach  b'  urrainn  dha  guidhe  a  b' 
fhearr  a  dheanamh  air  a  shon  na  gu'n 
soirbhicheadh  a  chorp  mar  a  bha  'anam  a' 
deanamh.  Ach  cha  fhreagair  an  fhailte  so 
air  moran  dhaoine  an  diugh,  oir  ged  a  tha 
iad  slan  'n  am  bodhig  agus  reamhar  tha 
caoile  air  an  anam. 

An  toiseach  tha  Eoin  a'  moladh  creideamh 
agus  beatha  Ghaiuis,  agus  an  sin  a'  moladh 
'oibre.  Is  e  an  obair  shpnruichte  a  tha  air 
a  h-ainmeachadh,  an  aoigheachd  a  thug  e 
do  na  braithrean  a  bha  'n  an  coigrich. 
Theagamh  gu'n  saoil  cuid  nach  b'  airidh 
rud  mar  sin  a  bhi  air  ainmeachadh  mar 
sheirbhis  do  Dhia,  ach  mur  b'  airidh  coibhneas 
a  bhi  air  a  chunntas  mar  fhireantachd  cha 
mholadh  an  t-Abstol  Eoin  an  gniomh  a  rinn 
Gains,  agus  cha  mho  a  labhradh  an  Slanuigh- 
ear  an  cosmhalachd  soluimte  a  labhair  e  mu 
la  a'  bhreitheanais  {Mata  XXV.),  cosmhal- 
achd a  tha  ag  innseadh  mu  sheorsa  dhaoine 
a  ghabh  ionghnadh  an  uair  a  fhualr  iad  iad 
fein  ann  an  neamh,  daoine  aig  nach  robh 
duil  gu'n  do  rimi  iad  seirbhis  air  bith  a  b' 
fhiach  -ainmeachadh  do  Dhia.  Ach  ged  a 
dhichuimhnich  iad  fein  an  gniomharan  troc- 
aireach  bha  cuimhne  aig  a'  Bhreitheamh 
gu'n  d'  thug  iad  biadh  do'n  acrach  agus 
aoigheachd  do'n  choigreach. 

Aoigheachd  do'n  choigreach. 

Thug  Gains  aoigheachd  do  na  soisgeul- 
aichean  a  chionn  gu'n  robh  baigh  agus  gradh 
braithreil  'n  a  chridhe.  Tha  aran  a  tha  air 
itheadh  ann  an  comaidh  daonnan  na's  milse 
na  aran  eile.  A  thaobh  aoigheachd  theid  aig 
na  daoine  dubha  air  leasan  a  thoirt  do  na 
daoine  geala,  oir  am  measg  cuid  de  threubhan 
borb  na  h-Afric  is  e  an  inisg  as  miosa  is 
urrainn  aon  duine  a  thilgeadh  air  duine  eile, 
a  vk6h  ris,  Mghr.  Itheadh-leat-fhiin.  Tha  am 
facal  so  ann  an  leabhar  lob,  "  an  uair  a  dh' 
fhiosraicheas  Dia  ciod  a  fhreagras  mi  dha,  ma 
dh'  ith  mi  mo  ghreim  a'm'  aonar,  agus  nach 
d'  ith  an  dilleachdan  deth  ?  "  Tha  an  t-abstol 
Pol  ag  radh,  Bithibh  teo-chridheach  d'a  cheile 
ann  an  gradh  braithreil,  a'  comh-phartachadh 
.  ri  uireasbhuidh  nan  naomh ;  a'  gnathachadh 
aoigheachd.  Am  measg  nan  seann  toimhse- 
achain  a  bha  aig  na  Gaidheil  bha  am  fear  so 
aca,  "  Gu  de  as  deirge  na  'n  teine  ?  "    Agus 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


b'e  so  an  fhreagairt,  "  Aodann  duine  choir 
is  coigreach  air  tighinn  thuige  agus  gun  dad 
's  a'  phoit." 

Ach  chan  e  mhain  gu  robh  an  toil  aig 
Gains  ach  bha  an  comas  aige  cuideachd,  agus 
lean  e  air  aoigheachd  a  thoirt  do  na  coigrich 
a  dh'  aindeoin  cridhe  Dhiotrepheis. 

Mor  dheth  fh6in. 

(1)  Tha  Eoin  ag  radh  gu'm  bu  duine 
Diotrephes  leis  am  bu  mhiann  ard-cheannas 
a  bhi  aige  am  measg  chaich.  Bha  e  a' 
saoilsinn  moran  dheth  fhein  agus  bu  mhaith 
leis  daonnan  a  bhi  anns  a'  chathair  a  b' 
fhearr  ge  b'e  aite  an  suidheadh  e.  Ach 
daoine  aig  a  bheil  gaol  teth  air  na  ceud 
chathraichean,  sin  am  bitheantas  daoine 
nach  airidh  ach  air  na  cathraichean  as  isle. 

Chan  e  mhain  nach  gabhadh  Diotrephes 
ris  na  coigrich  e  fein  ach  bha  e  a'  bacadh 
do  dhaoine  eile  gabhail  riu,  agus  bha  eagal 
air  cuid  de'n  choimhthional  dol  'na  aghaidh 
a  chionn  gu'n  robh  ceann-fodha  aige  orra. 
Na'n  rachadh  iad  'n  a  aghaidh  ghabhadh 
e  doigh  air  toirt  orra  dioghladh  air  a  shon. 

Chan  'eil  e  furasd  a  radh  ciod  a  chuir 
Diotrephes  bharr  a  shiuil  an  toiseach. 
Theagamh  nach  robh  Gains  agus  feadhainn 
eile  de'n  choimhthional  a'  deanamh  an  beic 
dha  mar  bu  mhaith  leis,  no  gu'n  do  ghabh 
e  saoibhneas  a  chionn  nach  d'  iarradh  a 
chead  no  a  chomhairle  ann  an  rud-eigin. 
Ach  CO  dhiubh  chaidh  e  air  'each  mor,  agus 
cha  robh  a  bhi  beo  leis.  Ach  gu  de  a  tha 
ann  an  duine  nach  'eil  furasd  a  bhi  suas  ris 


ach  duine  dona  !  Is  aithne  dhuinn  uile  an 
seorsa  duine  sin;  ma  shuidhicheas  daoine 
eile  gur  ann  mar  so  is.  coir  rud  air  choreigin 
a  dheanamh  their  esan  nach  ann  ach  mar 
sud,  agus  leanaidh  e  air  draochann  agus 
dranndan  mar  chu  crosda  gus  am  buidhe 
leo  a  thoil  fhein  a  thoirt  dha  air  ghaol  sithe. 

Anns  an  t-saoghal  so  tha  aig  daoine  ri 
oibreachadh  comhla  a  h-uile  la  d'  am  beatha, 
agus  mur  ionnsaich  duine  dha  fein  oibreach- 
adh gu  reidh  siochail  am  measg  dhaoine  eile, 
gun  an  car  a  thilgeil  as  a  laimh  mur  faigh 
e  a  dhoigh  fhein,  chan  'eil  ann  ach  leth-duine, 
agus  cha  dean  e  gu  brath  ach  droch  coimh- 
earsnach  'n  a  bhaile  agus  droch  bhall  'n  a 
eaglais. 

An  gliocas  a  tha  o  shuas. 

Ged  a  bha  Diotrephes  an  diiil  gu  robh  e 
fhein  na  bu  ghlice  na  daoine  eile  cha  robh 
aige  ach  gle  bheag  de'n  ghliocas  a  ta  o  shuas, 
agus  mar  sin  dh'  fhas  e  na  bu  danarra  agus 
na  bu  danarra,  gun  sgur  a'  dol  air  ach  a' 
caineadh  an  abstoil  Eoin,  agus  gach  duine 
eile  a  bha  seasamh  an  aghaidh  a  thoile.  Ach 
cha  d'  thuirt  Eoin  gaolach  facal  a  bu  mhiosa 
uime-san  na  gu'n  cuireadh  e  an  cuimhne  'oibre 
a  bha  e  a'  deanamh,  an  uair  a  thigeadh  e. 

Sin,  mata,  an  sealladh  a  tha  an  litir  so  a' 
toirt  dhuinn  air  beatha  na  h-eaglais  anns  a' 
cheurt  linn,  agus  mar  thuirt  mi  cheana,  bh* 
na  ceud  chreidmhich  mar  a  tha  creidmhich 
an  la  diugh,  maith  is  dona.  Bha  an  cruithne- 
acj?.d  agus  an  cogull  a'  fas.taobh  ri  taobh, 
agus  bithidh  gu  brath. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AM  measg  gach  atharrachadh  eile  a  rinn  an? 
cogadh  air  an  duthaich  chuir  e  stad  air  na" 
marsantan-siubhail  a  b'abhaist  a  bhi  dol  o 
dhorus  gu  dorus  air  feadh  na  duthcha,  gu 
sonruichte  aig  an  am  so  de  'n  bhliadhna,  a' 
reic  treathlaich  a  bhiodh  aca  ann  am  bocsa. 
Chan  fhaca  mi  ach  aon  no  dha  dhiubh  o 
chionn  greis,  ach  chan  'eil  fhios  agam  c'aite 
an  deachaidh  iad,  oir  bha  a'  chuid  bu  mho 
dhiubh  ro  shean  air  son  obair-cogaidh.  Ach 
tha  daoine  cho  gann  an  diugh  's  gur  buidhe 
leat  fear  de'n  t-seorsa  ud  fhaotainn  a  dh' 
oibreachadh  anns  a'  gharadh  ged  bhiodh  e 
ceithir  fichead. 

Anns  na  seann  laithean  an  Albainn  bha 
an  seorsa  marsantachd  so  na's  cumanta  na 
tha  i  an  diugh,  agus  air  a  cunntas  mar  obair 
a  bha  freagarrach  gu  leor  do  dhuine  6g  a 
dheanamh  a  bheoshlaint.    Agus  an  ceart  da 


•rireadh,  chan  'eil  miighadh  air  bith  eadar 
a  bhi  dol  o  dhorus  gu  dorus  le  bocsa  agus 
a  bhi  dol  o  dhorus  gu  dorus  le  van,  ach  a 
mhain  gu'n  gleidh  an  van  barrachd  bathair. 

Is  e  am  marsanta-siubhail  a  b'urramaiche 
a  bha  riamh  an  Albainn,  Iain  Brun,  a  bha 
'n  a  mhinistear  an  Haddington  anns  an 
ochdamh  linn  deug.  Bu  mhaith  leam  inns- 
eadh  uime-san  air  an  duilleig  so,  an  dochas 
gu'n  leugh  daoine  oga  i  agus  gu'm  faic  iad 
ciod  a  theid  aig  duine  air  a  dheanamh  ma 
tha  eanchainn  maith  aige  agus  toil  laidir, 
agus  gu  sonruichte  dichioll. 

Shiubhail  athair  agus  a  mhathair  an  uair 
a,  bha  e  'n  a  bhalach  6g,  agus  gun  ach 
geamhradh  no  dha  fhaotainn  ann  an  sgoil 
bha  e  air  a  chur  ris  a'  bhuachailleachd.  Bha 
an  tuathanach  aig  an  robh  e  'n  a  dhuine 
caomhail   agus    'n   a   dhuine   diadhaidh,   is 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


bhiodh.  e  a'  toirt  dha  leabhraichean  'g  an 
leughadh.  Dhuisg  na  leabhraichean  an  gaol 
air  eolas  a  bha  'n  a  chridhe  gu  nadurra  :  gun 
chuideachadh  o  mhaighstir-sgoil  no  o  dhuine 
air  bith  eile  dh'ionnsaich  e  leis  f  hein  Laideann 
agus  Greigis  agus  Eabhra  a  leughadh. 

Cha  robh  a  thuarasdal  mor,  ach  chuir  e 
mu  seach  beagan  thasdan  a  cheannach  an 
Tiomnaidh  Nuaidh  an  Greigis,  agus  a'  cheud 
chothrom  a  fhuair  e,  agus  gun  e  ach  sia 
bliadhna  deug,  choisich  e  a  h-uile  ceum  o 
Obair-neitW,  am  Peairt,  gu  Cill-rimhinn,  am 
Fiobh  (corr  agus  fichead  mile)  a  dh'  iarraidh 
an  leabhair. 

Thachair  do  fhear  de  na  h-ard-sgoilearan 
anns  an  Oilthigh  a  bhi  anns  a'  bhiith  aig  an 
am ;  an  uair  a  chual  e  am  balach  peallagach 
ud  ag  iarraidh  an  Tiomnaidh  Nuaidh  an 
Greigis  dh'fhaighnich  e  dheth,  "  An  teid 
agad  air  Greigis  a  leughadh  ?  " 

"  Theid,"  ars  am  balach ;   "  beagan." 

Thog  am  Professor  an  leabhar  agus  chuir 
e  'n  a  laimh  e,  ag  radh  ris,  "  Ma  leughas  tvi 
dhomh  crioman  as  an  leabhar  so  gheibh  thu 
e  a  nasgaidh  mar  thiodhlac  bhuam-sa." 

Leugh  am  balach  rann  no  dha  ann  an 
soisgeul  Eoin.  "  Ni  sin  an  gnothuch,"  ars 
am  Professor  ;    "is  leat  an  leabhar." 

Thug  Iain  Briin  taing  dha  is  ghabh  e  a 
chead,  cho  sona  ris  na  h-eoin. 

Bha  gillean  oga  eile  an  Obair-neithe  a  bha 
ag  ionnsachadh  Greigis,  'n  am  measg  mac  a' 
mhinisteir  a  bha  air  cheann  eaglais  nan 
Seceders,  buidheann  a  bha  na  bu  chuimhne 
na'm  braithrean  ann  an  eaglaisean  eile  ged 
bha  na  h-amannan  ud  fhein  cumhang  gu 
leor. 

Droch  amharus. 

Is  ann  do  na  Seceders  a  bhuineadh  Iain 
Brim,  ach  ann  an  doigh  neonach  thoisich  na 
foirbhich  air  amharus  a  ghabhail  air,  nach 
bu  chreutair  seunta  e. 

B'e  so  an  t-aobhar ;  eadar  an  dubh- 
fharmad  agus  an  saobh-chreideamh  a  bha 
'n  an  droch  chridheachan  fhein,  thoisich 
mac  a'  mhinisteir  agus  an  fheadhainn  eile 
nach  robh  a'  faotainn  air  an  aghaidh  ro 
mhaith  leis  a'  Ghreigis  air  a  radh  'n  am 
measg  fhein  agus  ri  daoine  aineolach  eile 
gur  ann  leis  an  sgoil  dhuibh  a  bha  Iain  Brun 
ag  ionnsachadh  Greigis  cho  luath,  agus  gur 
e  an  trogainn  a  bha  aige  ri  Satan  a  rinn  'n  a 
sgoilear  cho  maith  e. 

Shaoileadh  tu  nach  creideadh  luchd- 
aideachaidh  anns  an  robh  dad  idir  de  thiir 
no  boinne  idir  de  chriosdalachd  naidheachd 


cho  faoin,  ach  chreid  feadhainn  i,  is  bha 
beatha  a'  bhalaich  air  a  deanamh  searbh 
dha  fad  bhliadhnachan. 

Theagamh  gur  e  so  a  thug  air  Obair- 
neithe  fhagail  agus  paca-marsantachd  a  chur 
air  a  dhruim,  ach  ma's  maith  mo  chuimhne, 
cha  deachaidh  leis  gu  ro  mhaith  oir  chan  'eil 
sgoilearachd  agus  a'  mharsantachd  a' 
freagairt  air  a  cheile. 

Thainig  l^ain  Brun  a  steach  d'a  rioghachd 
dhligheach  an  uair  a  bha  e  air  a  shuidheach- 
adh  mar  mhinistear  ann  an  Haddington,  an 
deidh  dha  dol  troimh  chursa  foghluim  aig 
casan  Ebeneser  Erskine. 

Bha  a  bhodhig  cho  ruighinn  's  a  bha  a 
thoil  laidir,  agus  ged  tha  iomadh  bliadhna 
a  nis  o  nach  do  leugh  mi  eachdraidh  a 
bheatha  tha  cuimhne  agam  fhathast  air  an 
ionghnadh  a  chuir  meud  a  shaothrach  agus 
a  dhichill  orm. 

Bhiodh  e  a'  searmonachadh  tri  uairean  a 
h-uile  Sabaid,  agus  cha  b'e  searmoin  ghoirid 
a  bhiodh  e  a'  liubhairt ;  bha  e  'n  a  Chleireach 
do'n  Chleir  agus  'n  a  Chleireach  do'n  t- 
Seanadh,  agus  leis  fhein  is  e  a  bha  a'  teagasg 
nan  oileanach  oga  a  bha  'g  an  ullachadh 
fein  air  son  na  ministrealachd  ann  an  eaglais 
nan  Seceders,  an  seann  stoc  as  an  d'thainig 
an  Eaglais  UdP.  Chan  e  mhain  gu'n  robh  e 
'n  a  sgoilear  e  fhein  ach  rinn  e  sgoilearan  de 
mhoran  dhaoine  eile  a  shuidh  aig  a  chasan 
agus  a  bha  ainmeil  air  feadh  Albainn  an 
deidh  laimhe.  Sgriobh  e  seachd  air  fhichead 
de  leabhraichean,  agus  leughadh  is  thuigeadh 
e  Laideann,  Greigis,  Eabhra,  Fraingeis, 
Germailt,  cainnt  nan  Arabach,  cainnt  nan 
Duitseach,  cainnt  na  Eadailteach,  agus  aon 
no  dha  eile,  a  thuilleadh  air  eolas  farsuing 
a  bhi  aige  air  litreachas  na  Beurla,  agus  air 
oibrichean  dhiadhairean  agus  fheallsanaoh. 

Leabhar  ainmeil. 

B'e  an  leabhar  a  b'f  hearr  agus  a  b'fheumaile 
a  sgriobh  e.  Am,  Biobull  air  a  mhineachadh, 
anns  an  do  chruinnich  e  gach  fiosrachadh  a 
chuidicheadh  le  daoine  am  Biobull  a  leughadh 
gu  tuigseach.  Bha  meas  mor  air  an  leabhar 
so  fad  iomadh  latha  mar  Bhiobull-teaghlaich, 
agus  gheibhear  fhathast  e  ann  am  moran 
dhachaidhean  an  Albainn. 

B'e  da  fhichead  punnd  Sasunnach  anns  a' 
bhliadhna  a  thuarasdal,  ach  air  an  tuarasdal 
sin  thog  e  da  theaghlach  (bha  e  posda  da 
uair,  agus  bha  ochdnar  de  chloinn  aige  o'n 
cheud  mhnaoi  agus  naoinear  o'n  dara  te)  agus 
chan  e  mhain  gu'n  do  thog  e  teaghlach  mor 
ach  thug  e  a  leithid  de  chothrom  dhaibh  'n 
an  oige  's  gu'n  robh  e  furasda  dhaibh  faotainn 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— AIG  JlN  UINNEIG 


air  an  aghaidh  anns  an  t-saoghal.  Tha  e  air 
a  radh  nach  lean  airgiod,  no  diadhaidheachd, 
no  talantan  inntinn,  anns  an  aon  teaghlach 
fad  moran  ghinealan,  ach  ciod  air  bith  cor 
nam  Brunach.  a  thaobh  airgid,  dh'fhan 
talantan  agus  diadhaidheachd  anns  an 
teaghlach  fad  choig  ginealan  co  dhiubh,  agus 
cha  do  ruith  an  stoc  a  mach  fhathast.  Bha 
mic  agus  oghachan  agus  iar-oghachan  agus 
fionn-oghachan  aig  Iain  Brun  a  bha  comh- 
arraichte  mar  dhiadhairean  agus  mar  sgoile- 
aran,  a  cheart  sheorsa  dhaoine  ri  Cloinn 
Mhic  Leoid  na  Morairne. 


Is  e  a  chuir  Iain  Brun  a'  m'  chuimhne 
(shiubhail  e  an  1787)  seanchas  a  bha  agam 


an  raoir  ri  fear-siubhail  a  thainig  gu  mo 
dhorus,  ag  iarraidh  aite  anns  an  cuireadh  e 
seachad  an  oidhche.  Bha  treathlaich  bheag 
de  bhathar  aige  ann  am  boesa  beag,  agus  an 
uair  a  chaidh  mi  ceum  o'n  dorus  leis  a  leigeil 
fhaicinn  dha  tigh  beag  anns  am  faodadh  e 
laighe  air  connlaich,  thuirt  e  aon  f  hacal  rium 
a  chuala  mo  chluas  gun  a  chluinntinn,  oir 
bha  cabhag  orm  aig  an  am,  agus  mi  ag 
obair  aig  an  dasc :  "is  mise,  ars  esan,  mac 
do'n  Ard  Dhia."  An  deidh  dhomh  dol  a 
laighe  thainig  am  facal  air  ais  chugam,  is 
chum  e  mi  o'  chadal,  oir  tha  mic  Dhe  a'  dol 
mu'n  cuairt  an  iomadh  riochd,  agus  cha  bu 
mhaith  leam  ftear  dhiubh  a  chur  air  connlaich 
ann  an  tigh  fas  agus  mi  fhein  ann  an  leaba 
chomhf  hurtachail . 


Aig  an  Uinneig 


An  t.Urramach  Iain  M.  Macan-Rothaich, 
M.A. 

CHAN  'eil  am  bas  'n  a  thamh ;  thug  e 
bhuainn  air  an  t-samhradh  so  ministearan 
a  bhios  sinn  ag  ionndrainn  gu  mor,  ach  air 
mo  shon  fhein  dheth  bithidh  ionndrainn 
agam  air  Iain  M.  Mac-an-Rothaich  nach 
biodh  agam  ach' air  dithis  no  triuir  eile  de 
mo  bhraithreah.  Ged  nach  robh  sinn  a' 
tachairt  air  a  cheile  ro  thric  o  chionn 
bhliadhnachan  bha  e  'n  a  thoileachadh 
dhomh  daonnan  fios  a  bhi  agam  gu  robh 
a  leithid  de  dhuine  anns  an  t-saoghal,  agus 
gu'm  faodamaid  coinneachadh  uair-eigin. 
An  uair  a  choinnicheadh  tu  ri  Iain  Mac- 
an-Rothaich dhe^rrsadh  grian  ort  ciod  air 
bith  an  taobh  as  an  robh  a'  ghaoth. 

Tha  e  furasda  gu  leor  cuairt  a  bheatlia 
agus  a  mhinistrealachd  a  chur  sios  air  an 
duilleig  so,  ach  chan  'eil  e  idir  cho  furasda 
a  dheanamh  soilleir  do  dhaoine  do  nach 
b'aithne  e  car  son  a  bha  uiread  meas  agus 
uiread  gaoil  aig  ministearan  eile  air.  Bha 
e  ann  an  sreath  leis  fhein,  a'  gluasad  gu 
ciuin  agus  gu  h-iriosal  agus  gu  macanta  am 
measg  dhaoine,  sgeadaichte  le  ionracas  agus 
uaisle  nadurra,  agus  le  blaths  'n  a  chridhe 
a  bha  dhuit  mar  bhlaths  teine  air  latha  fuar. 

Rugadh  e  an  Devonport,  an  Sasunn,  an 
1867 ;  bha  e  air  oileanachadh  an  Oilthigh 
Ghlaschu  agus  an  Talla  na  Diadhachd  an 
Dun-eideann.  An  deidh  dha  cead  searmon- 
achaidh  fhaotainn  o  Chleir  lonar-Aora  an 
1892  bha  e  'n  a  fhear-cuideachaidh  fad  da 
bhliadhna  leis  an  Ollamh  Iain  Mac  Gill- 
eathain,  an  Eaglais  Chaluim-cille,  an  Glaschu ; 
an  1895  bha  e  air  a  shuidheachadh  an  sgir 
Innis,   am   Baideanach ;     a   Innis   chaidh   e 


do'n  Tairbeart,  an  Cinn-tlre,  an  1897 ;  as 
an  Tairbeart  chaidh  e  do  Cheann  Loch 
Chille-Chiarain  an  1905,  far  an  robh  e  'n  a 
Chleireach  do'n  Chleir  ceithir  bliadhna;  a 
Ceann  Loch  chaidh  e  do  Eaglais  Shiar  an 
Naoimh  Giles  an  Dun-eideann  an  1913 ; 
a  Dun-eideann  chaidh  e  air  ais,  air  ghairm- 
aonsgeulach  an  t-sluaigh,  do  Eaglais  Chaluim 
Cille,  an  Glaschu,  an  1925,  far  an  do 
shaothraich  e  gus  an  do  bhris  air  a  shlainte 
agus  am  b'fheudar  dha  dol  do  sgir  a  bu 
lugha  agus  a  b'aotruime.  Chaidh  e  do  Chill 
Mhartainn  an  1929,  far  an  do  liubhair  e  a' 
cheud  shearmon  a  liubhair  e  riamh  an 
Gaidhlig.  Cha  b'e  Gaidhlig  a'  cheud  chainnt 
a  bha  aige ;  cha  do  rinn  e  ach  a  h-ionns- 
achadh,  ach  air  a  shon  sin  bha  deagh 
Ghaidhlig  aige,  ged  bha  rud  beag  de  chumadh 
agus  de  bhlas  na  Beurla  oirre. 

An  1925  bha  e  air  a  thaghadh  gu  h-aonsgeul- 
ach  le  bhraithrean  gu  bhi  air  cheann  obair  na 
h-Eaglais  anns  a'  Ghaidhealtachd  agus  anns 
na  h-Eileanan,  ach  b'fheudar  dha  sin  a 
leigeil  dheth  an  uair  a  bhris  air  a  shlainte. 

Bho  thoiseach  gu  deireadh  a  laithean  ann 
an  seirbhis  na  h-Eaglais  bha  Iain  Mac-an- 
Rothaich  'n  a  dhuine  caomhail  agus  'n  a 
mhinistear  maith,  gun  mheang  idir  ann  air 
am  faigheadh  an  saoghal  no  Prionnsa  an 
t-saoghail  so  greim. 

Chan  abrainn  gu  robh  gibhtean  no  talantan 
aige  OS  cionn  a  chumantais,  ach  bha  gi'imieas 
agus  blaths  agus  ionracas  ann  gu  nadurra  a 
thairngeadh  tu  'g  a  ionnsuidh  air  a'  cheud 
shealladh  dheth,  agus  bha  an  t-ionracas 
nadurra  sin  air  a  chrunadh  le  eagal  an 
Tighearna.  Bha  e  'n  a  dhuine  diadhaidh ; 
air  chul  an  abhacais  a  bha  ann  gu  nadurra 


AIG  AN  UINNEIG 


chluinneadh  do  chhias  'n  a  sheanchas,  agtis 
dh'fhairicheadh  do  chridhe  'n  a  chompanas, 
torman  soluimte  na  siorruidheachd. 

Bha  meas  mor  agam-sa  air  an  duine  so, 
agiis  is  e  a  tharruing  mi  'g  a  ionnsuidh  cho 
dluth  nach  fhaca  mi  riamh  e  ag  iarraidh 
inbhe  no  urram  no  rud  eile  dha  fhein  o'n 
t-saoghal  no  o'n.  eaglais.  Cha  robh  dad  a 
dhith  air,  agus  bha  a  bhuil ;  shealbhaich  e 
sith  na  muinntir  sin  leis  an  f hearr  ni  a 
thabhairt  na  ni  fhaotainn. 

Cba  robh  ministear  eile  anns  an  eaglais  ris 
an  deanainn  fhein  agus  an  f headhainn  a  bhios 
a'  frithealadh  dhomh  uiread  fiughair  's  a 
dheanamaid  ri  Mghr  Mac-an-Rothaich,  an 
iiair  a  thigeadh  e  a  dh'  fhuireach  comhla 
rium.  Bha  doighean  laghach  dha  fhein  aige  ; 
cha  bhiodh  e  fada  a  steach  gun  f  haighneachd 
de'n  bhean-tighe  agam  an  robh  na  h-uairead- 
airean  (clocks)  againn  a'  falbh.  Mur  robh  (gle 
thric  cha  bhitheadh)  bhiodh  iad  air  bord  aige 
ann  am  mionaid,  agus  chan  fhagadh  a 
mheuran  am  broinn  gus  am  biodh  gach 
cuibheall  ceart. 

A  thaobh  obair  laitheil  na  ministrealachd 
bha  coguis  cho  bed  aige  's  a  bha  aig  duine 
a  b'aithne  dhomh  riamh,  agus  suairceas  air 
nach  tainig  atharrachadh  o-  oige  gu  aois. 

An  t-Urramach  Ddghall  MacGalum,  M.A. 

Cha  robh  fhios  gu  robh  am  ministear 
laidir  so  tinn  gus  an  cualas  naidheachd  a 
bhais ;    thainig  a'  chrioch  gu  maith  obann. 

-  Bhuineadh  e  do  Chinn-tire ;  bha  e  air 
oileanachadh  an  Oilthigh  Ghlaschu,  agus  air 
a  shuidheachadh  an  Cill-Mhoire,  air  Machair 
Rois,  an  1907 ;  a  Cill-Mhoire  chaidh  e  do 
Cheann  Loch  Chille  Chiarain;"  agus  a  Ceann 
Loch  chaidh  e  Ros-cuithnidh  an  1918,  far 
am  do  shaothraich  e  gus  an  do  shiubhail  e  o 
chionn  da  mhios. 

Bha  e  posda,  is  dithis  nighean  aige, 
Ministear  maith  agus  soisgeulach,  agus 
duine  glic  agus  tuigseach  aig  an  robh  eolas 
air  lagh  agus  riaghailtean  na  h-eaglais,  agus 
a  bha;  daonnan  cothromach  agus  neo- 
eisiomaileach  'n  a  chainnt  agus  'n  a  bhre- 
ithneachadh,  b'e  sin  Dughall  Mac  Calum. 
Cha  chuala  mi  riamh  e  a'  bruidhinn  aig  na 
coinneamhan  a  bhios  againn  an  Dim-eideann 
gun  rud-eigin  a  bhi  aige  ri  radh ;  cha  bhiodh 
e  uair  air  bith  a'  bruidhinn  air  sgath  bruidhne. 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne  aig  cuid  de 
na  leughas  an  duilleag  so  air  a  bhrathair, 
Iain,  a  bha  'n  a  mhinistear  an  He  agus  an 
Grianaig  agus  an  Steornabhagh,  ministear 
cho  diirachdach  agus  cho  soisgeulach   's   a 


bha  anns  an  eaglais  aig  an  4m.  Thug  an 
teaghlach  ud  an  Cinn-tire  d^  mhinistear 
mhaith  do  Eaglais  na  h-Alba. 

Ged  nach  deachaidh  ainm  Dhughaill  am 
farsuingeachd  air  taobh  Shiar  na  Gaidhealt- 
achd  mar  chaidh  ainm  Iain  bha  meas  mor 
air  'n  a  choimhthional  fhein  an  Ros-cuithnidh, 
oir  bu  mhinistear  e  a  gheibheadh  daoine 
dluth  dha ;  duine  a  bha  cho  baigheil  ris  an 
iochdaran  's  a  bha  e  ris  an  uachdaran,  agus 
deagh  shearmonaiche.  Tha  mi  gle  chinnteach 
nach  cualas  riamh  Dughall  Mac  Calum  ag 
radh  rud  gun  tur,  an  ctibaid  no  air  ard-urlair 
eile.  Bha  e  cho  ciallach  agus  cho  cuimseach 
'n  a  chainnt  's  a  bha  e  faicilleach  is  glic  'n  a 
ghiulan.  Bidh  ionndrainn  air  ann  an  Cleir 
Bhaile  Dhubhthaich  agus  aig  a  bhraithrean 
uile  an  Cuirtean  na  h-eaglais. 

An  t.Urramach  Seumas  Tolmie,  M.A. 

Ged  nach  robh  Seumas  Tolmie  a'  searmon- 
achadh  Gaidhlig  bha  e  dluth  air  fichead 
bliadhna  'n  a  mhinistear  foghainteach  agus 
cliiiiteach  an  lonar-nis,  ceann-bhaile  na 
Gaidhealtachd,  agus  'n  a  fhear  de  na  Cleirich 
do  Chleir  lonar-nis,  aig  an  robh  meas  mor 
air  a  chomhairle  agus  earbsa  'n  a  ghliocas. 
Ma  bha  meas  air  anns  a'  Chleir  agus  anns 
a'  bhaile  bha  meas  a  bu  mho  air  'n  a  eaglais 
agus  'n  a  choimhthional  fhein  aig  na  daoine 
a  b'eolaiche  air. 

Rugadh  e  an  lonar  Narunn;  bha  e  air 
oileanachadh  an  Oilthigh  Dhtin-eideann  agus 
anns  a'  Chollaist  Nuadh,  far  an  robh  e  fhein 
agus  Tomas  Friseal  nach  maireann  mar  dha 
bhrathair.  An  1901  bha  e  air  a  shuidheachadh 
ann  am  Brora,  an  Cataibh;  an  1917  chaidh 
e  do  Ghlaschu,  ach  thainig  e  air  ais  do'n 
Taobh  Tuath  an  1923,  gu  coimhthional  air 
Sraid  na  Ban-righ  an  lonar-nis,  far  an  do 
shaothraich  e  gus  an  do  shiubhail  e  an 
Tigh-eiridinn  a'  bhaile  am  meadhon  an 
t-samhraidh. 

Bha  mise  gu  maith  eolach  air  Seumas 
Tolmie  an  laithean  oige,  ged  bha  e  na  bu 
shine  agus  air  thoiseach  orm,  agus  cha  do 
rinn  na  bliadhnachan  atharrachadh  air  bith 
air  ach  a  mhain  gu'n  do  lean  e  air  fas  'n  a 
inntinn  agus  'n  a  chomas-labhairt.  Ged  nach 
bu  duine  e  a  dh'fheitheadh  ri  bhriathran  a 
liomhadh  bu  duine'  direach  agus  ceart  e, 
fearail  n  a  ghiulan  agus  neo-eisiomaileach 
'n  a  bheachdan,  duine  aig  an  robh  blaths 
agus  dealas  an  t-soisgeil  'n  a  chridhe,  agus 
air  am  faodadh  tu  dol  an  urras  nach  rachadh 
e  thairis  air  crioch  na  corach.  Cha  robh 
boinne  de'n  leisg  'n  a  fhuil,  agus  cha  do 
chaomhain  e  e  fein  ann  an  seirbhis  a 
Mhaighstir  agus  na  h-eaglais. 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


"Aran  Glan." 

Ciod  is  ciall  do'n  fhacal  so  "  aran  glan  ?  ^' 
Dh'fhaodadh  iomadh  rud  a  bhi  air  a  chiall- 
achadh  leis,  agus  gu  sonruichte  so,  aran  a 
bh.a  air  a  chosnadh  ann  an  doigh  onorach 
agus  a  dh'fhaodadh  a  bhi  air  itheadh  gun 
naire.  Chan  abrainn  "  aran  glan  "  ri  aran 
a  fhuaras  le  meirle  no  le  breugan  no  le  ceilg. 
Na'm  bithinn  a'  cluinntinn  an  fhacail  air  son 
na  ceud  uaire  theirinn  gur  e  so  is  ciall  da. 

Ach  tha  mi  eolach  gu  leor  air  an  fhacal 
o  m'oige,  agus  chan  e  sin  idir  is  ciall  da,  co 
dhiubh  am  measg  mo  luchd-diithcha-sa. 
Tha  e  a'  ciallachadh  aran  a  choisneas  tu 
gim  do  Idmhan  a  shalachadh  ;  chan  e  idir 
gun  do  choguis  a  shalachadh. 

An  uair  a  bhiodh  parantan  ag  earalachadh 
air  an  cloinn  a  bhi  dichiollach  anns  an  sgoil 
is  e  an  duals  a  bhiodh  iad  a'  cur  romhpa, 
gu'n  coisneadh  iad  dhaibh  fein  le'n  sgoilear- 
achd  "aran  glan."  Bhiodh  e  na  b'fhearr 
dhaibh  a  radh,  "  aran  gun  fhallus." 

Tha  so  a'  togail  iomadh  ceist. 

A  bheil  e  na's  uaisle  do  dhuine  a  bheoshlaint 
fhaotainn  le  cleirsinneachd  na  le  clachair- 
eachd  ?  Tha  na  cleirich  a'  fas  lionmhor  agus 
na  clachairean  a'  fas  gann. 

An  e  grainne-mullaich  na  h -uaisle  do 
bheoshlaint  f  haotainn  gun  obair  idir  ?  Their- 
inn nach  e  sin  "  aran  glan  "  ach  "  aran  an 
diomhanais." 

B'  aithne  dhomh  mathair  a  bhiodh  a' 
boilich  gu'n  deachaidh  a  ceathrar  mhac 
troimh  'n  t-saoghal  gun  an  seacaidean  a 
chur  dhiubh  riamh.  Is  e  a  bha  i  a'  ciallach- 
adh nach  robh  feum  aca  air  obair  a  dhean- 
amh,  no  co  dhiubh  obair  shalach,  a  chionn 
gu'n  robh  iad  'n  an  gaffers  air  daoine  eile. 

Ann  an  suilean  mhoran  dhaoine  is  e  crioch 
araidh  nan  sgoilean,  agus  a'  chrioch  araidh 
aig  oileanachadh  na  cloinne,  cothrom  a 
thoirt  dhaibh  obair  shalach  an  t-saoghaii 
a  sheachnadh.  Air  uairean  tha  so  a'  ciall- 
achadh gu  bheil  iad  an  dull  nach  'eil  obair 
throm   no   obair   shalach   a   dh'fheumas   tu 


a  dheJinamh  as  do  leinidh  cho  uasal  no  cho 
freagarrach  do  sgoilear  maith  ri  obair  a 
ghabhas  deanamh  le  peann,  'n  ad  shuidhe 
air  cathair,  gun  do  choilear  no  do  chota 
a  chur  dhiot,  ach  mar  is  trice  chan  'eil  e 
a'  ciallachadh  ach  gu  bheil  obair  ghlan  agus 
aotrum  air  a  paigheadh  na's  fhearr  na  obair 
throm  is  shalach.  Chan  e  an  obair  ach  am 
paigheadh  a  tha  'n  an  inntinn. 

An  tug  thu  riamh  an  aire,  a  leughadair, 
an  uair  a  bhios  daoine  a'  bruidhinn  mu'n 
choir  a  tha  aig  a  h-uile  duine  air  obair 
fhaotainn,  nach  e  sin  idir  a  tha  iad  a'  ciall- 
achadh ach  gu  bheil  coir  aig  a  h-uile  duine 
air  paigheadh  fhaotainn  co  dhiubh  a  tha  e 
ag  obair  no  nach  'eil.  Cha  chuir  duine  air 
bith  bacadh  ort  obair  a  dheanamh  ma 
thoilicheas  tu  fhein;  sin  coir  nach  tug  do 
choimhearsnaich  no  an  staid  bhuait  riamh, 
ach  is  rud  eile  e,  coir  air  paigheadh  fhaotainn. 

An  am  cogaidh  daonnan  tha  paigheadh 
dhaoine  a  bhios  a'  deanamh  obair  throm  le 
lamhan  salach  agus  le  fallus  an  gruaidhe  a' 
dol  suas,  agus  bu  mhaith  an  gnothuch  na'm 
maireadh  sin,  oir  tha  trian  mhor  a  dh'obair 
an  t-saoghail  an  da  chuid  trom  agus  salach, 
agus  cha  bhiodh  e  maith  do'n  diithaich  gu'n 
seachainneadh  an  oigridh  i  air  ghaol  "  aran 
glan  "  fhaotainn. 

Cha  chuala  mi  riamh  am  facal  "  aran 
salach,"  ach  ma  tha  an  t-aran  a  choisneas 
cleireach  "  glan  "  agus  an  t-aran  a  choisneas 
gille-fearainn,  a  dh'fheumas  eirigh  aig  coig 
uairean,  agus  a  bhios  fad  an  la  leis  fhein,  a' 
treabhadh  no  a'  cur  a  mach  innearach, 
"  salach,"  thoir  thusa  coig  tasdain  deug 
anns  an  t-seachduin  a  bharrachd  do'n  treabh- 
aiche  na  tha  aig  a'  chleireach,  agus  fasaidh 
an  t-aran  a  bha  cho  glan  'n  a  shuilean  roimh 
sin  cho  odhar  ris  a'  chabhruich. 

"  Ann  am  fallus  do  ghniiise  ithidh  tu 
aran."  Cia  dhiubh  a  tha  sin  a'  ciallachadh 
mallachd  no  beannachd  1  Tha  aran  an 
diomhanais  gun  bhlas,  aran  nan  (|eur  searbh, 
ach  is  seirbhe  aran  na  ceilge. 


Aireamh   lo 


W^^^' 

^^y^^^ 


1942 


An  Acarsaid 

Gruinnichibh  am  biadh  briste  chum  nach  caillear  a  bheag. — Eoin  vi.  12 


AN"  uair  a  bha  Eachann  Mac  Phail  air  a 
dheanamh  'n  a  Riaghlair  air  Tigh-nam- 
Bochcl  ann  an  Cille-sgumain  b'e  a'  cheud 
atharrachadh  a  rinn  e  ainni  eile  a  thoirt 
air,  "  An  Acarsaid."  Tha  an  t-ainm  xir  na's 
uaisle,  no  co  dhiubh  na's  boidhche,  na'n 
seann  fhear  agns,  theagamh,  nach  ann  o 
fhaoineas  no  o  uabhar  a  thainig  e  ach  o'n 
chaomhalachd  chriosdail  a  bha  'n  a  chridhe 
fein  gn  nadurra.  Tha  caomhalachd  maith 
ann  an  duine  air  bith  ach  tha  e  gu  sonruichte 
feumail  agus  freagarrach  gu'm  biodh  na 
Riaghlairean  a  tha  thairis  air  Tighean-nam- 
Bochd  'n  an  daoine  caomhail,  oir  tha  an 
gnothuch  ri  truaghain  air  nach  'eil  moran 
meas  ann  am  margaidhe^n  an  t-saoghaiL 

Tosdach  uime  f^in. 

Ged  nach  biodh  ann  ach  an  toileachadh  a 
thug  an  t-ainni  ur  do  Sheumas  Brun  b'fhiach 
do'n  Riaghlair  an  t-atharrachadh  a  dhean- 
amh oir  bhiodh  Seumas  a'  faotainn  litrichean 
an  drasd  's  a  ris,  ged  nach  robh  fhios  aig 
each  CO  bha  'g  an  cur  chuige,  agus  bha 
e  toilichte  "  An  Acarsaid,"  Cille-sgumain, 
fhaicinn  orra  an  aite  "  Tigh-nam-Bochd." 

Fad  sheachd  bliadhna  fichead  bha  Seumas 
Brun  a'  tadhall  an  Tighe,  a  mach  agus  a 
steach  mar  a  fhreagaradh  dha  fhein,  ach  gu 
la  a  bhais  cha  robh  fios  aig  na  h-aoighean 
eile,  no  eadhon  aig  an  Riaghlair,  c6  e,  no 
c'aite  an  do  rugadh  e,  no  co  dha  a  bhuineadh 
e.  A  thaobh  a  chuideachd  agus  a  dhachaidh 
bha  e  /cho  tosdach  ri  manacli  air  an  robh 
bold  nach  bruidhneadh  e,  ged  bha  e  bruidh- 
neach  agus  seanchasail  gu  leoir  an  nithean 
eile.  An  uair  a  bhiodh  sogan  beag  drama 
air  bha  e  cho  maith  air  bruidhinn  mu  obair 
na  Parlamaid  's  gu'm  biodh  each  ag  radh  ri 
cheile  gu'm  b'fhearr  led  a  bhi  ag  eisdeachd 
ris  na  bhi  ag  eisdeachd  ri  Mac  Quisten  fhein. 

An  deireadh  an  earraich  bhiodh  e  daonnan 
a'  gabhail  an  rathaid  agus  baga  beag  leath- 
raich  'n  a  laimh ;  cha  do  chuir  e  maileid 
riamh  air  a  dhruim,  agus  cha  mho  a  bhiodh^ 
e  dol  gu  dorsan  a  dh'iarraidh  deirce.  B'aithne 
do  chach  a  dhoighean  gu  maith,  oir  bhiodh 
luchd-siubhail  eile  ag  innseadh  dhaibh  uime, 
agus  a  dh'innseadh  na  firinn,  bhiodh  iad  a' 


deanamh  barrachd  bruidhne  uime  air  a 
chulaibh  na  bhiodh  iad  a'  deanamh  mu'n 
chogadh  fhein.  Ach  cha  robh  cron  no  olc 
air  bith  anns  a'  bhruidhinn  sin,  oir  chan  ami 
a'  cur  sios  air  a  bhitheadh  iad.  A  mach  o 
aon  no  dha  a  bha  crosda  agus  farmadach  gu 
nadurra  bha  iad  uile  de'n  bheachd  gu  robh 
Seumas  Brun  ceum  os  an  cionn  fhein,  agus 
gu  robh  e  'n  a  sgoilear  aig  an  robh  talantan 
mora. 

Cha  mhi-thaitneadh  e  ris  idir  am  beachd  so 
a  bhi  aca  air,  agus  co  dhiiibh  a  bhiodh  e  a' 
tarruing  asda  'n  a  cheart  deoin  no  a'  bdilich 
air  ghaol  boilich,  bhiodh*  e  air  uairean  a' 
leigeil  ruith  le  theangaidh  agus  a'  labhairt 
mar  so,  "  Sonas  !  Sonas  !  sin  an  teine- 
sionnchain  a  tha  a'  dalladh  a'  chinne-daonna  ; 
CO  aig  a  bheil  aobhar  air  a  bhi  sona  mur 
bheil  e  agam-sa,  oir  mar  dubhairt  mo  sheana 
chompanaich  Plato  agus  Shakespeare,  "Is  e 
an  duine  sona  an  duine  aig  nach  'eil  leine 
m'a  chneas,  ach  aig  a  bheil  saorsa  agus 
tombaca." 

Gun  mhal  no  cis. 

An  uair  a  bhiodh  cuid  de  na  bha  anns  an 
Tigh  'g  an  gearan  fhein  agus  a'  caoidh  a  bhi 
ann  dh'eireadh  e  'n  a  sheasamh  is  chronaich- 
eadh  e  iad  cho  geur  's  gu'm  fairicheadh  iad 
gu  robh  iad  'n  an  suidhe  air  stol  an  aithreach- 
ais,  "  Mo  naire,  mo  naire,  mar  bhiodh  mo 
sheana  chompanaich  Socrates  agus  Burns  ag 
radh,  co  aig  a  bheil  crannchur  as  ion-mhiann- 
aicte  na  tha  aig  an  duine  aig  nach  'eil  mal 
no  cis  ri  phaigheadh ;  nach  ruig  a  leas 
cabhag  no  moch-eirigh  a  dheanamh ;  no 
curam  bidh  no  aodaich  a  bhi  air,  agus  aig 
nach  'eil  feum  air  airgiod  ?  " 

Sin  mar  bhiodh  e  a'  bruidhinn  ach  ged  bha 
boinne  de'n  fhirinn  'n  a  bhruidhinn  tha  mi 
an  dull  gu  robh  da  thrian  de  ghoirteas-cridhe 
air  chul  a  bheulaireachd. 

Bu  toigh  le  each  Seumas  Brun,  agus 
dheanadh  iad  uile  fiughair  ris  an  uair  a 
thigeadh  e  air  ais  do'n  "  Acarsaid  "  an 
toiseach  October.  Air  a'  mhios  sin  bha 
e  daonnan  a'  faotainn  pasgan  mor  aodaich — 
aodach    duin-uasail — a    aite    air    chor-eigin. 


AN  ACARSAID— lUDAS  MACCABEUS 


aguts  tliigcadU  aodach  (hiiu-iiasail  dha  cho 
maith  's  gu'm  biodh  each  na  bu  chinntiche 
na  bha  iad  riamh  nach  e  Siiemas  Brun 
ainm  idir. 

An  sin  shiubhail  e.  Bha  Eachann  Mac 
Phail  ri  taobh  a  leapa  fad  na  h-uine  an 
oidhche  a  shiubhail  e.  "  Tha  a'  chrioch," 
ars  esan,  gle  dhliith  a  nis,  agus  tha  mi 
toilichte,  oir  tha  mi  sgith  le  casdaich.  Chan 
'eil  eagal  orm  dol  an  coinneamh  a'  bhais 
ged  nach  'eil  mi  'n  am  dhuine  maith.  Ma 
phea)X3aich  mi  dh'fhuiling  mi  air  a  shon 
anns  an  t-saoghal  so,  agus  tha  mi  nis  a' 
guidhe  maitheanais  air  Dia  nach  do  dhitilt . 
riamh  maitheanas  do  m'leithid." 

M'  an  do  shiubhail  e  dh'fhaighnich  an 
Riaghlair  dheth  an  robh  cairdean  aige  a  bu 
mhaith  leis  fios  a  bhi  air  a  chur  chuca,  ach 
thubhairt  e  nach  robh. 

"  Ma  tha  gin  de  mo  chairdean-sa  beo," 
ars  esan,  tha  iad  fada  air  falbh  agus  cha 
d'thug  mi  riamh  aobhar  dhaibh  a  bhi  g 
am  ionndrainn.  An  t-aon  bhrathair  a  bhiodh 
a  sgriobhadh  chugam,  agus  a  bha  'g  am 
chumail  o  chionn  bhliadhnachan  an  aodach 
agus  an  airgiod,  tha  e  fhein  marbh  a  nis, 
agus  chan  'eil  fhios  aig  duine  eile  air  an 
t-saoghal  gu'n  do  leig  mi  dhiom  m'ainm 
fhein  agus  gu'n  do  ghabh  mi  an  t-ainm 
fuadain  "  Seumas  Briln,"  a  chionn  nach  bxx 
mhaith  leam  mo  chuideachd  a  narachadh." 

An  tiodhlacadh 

Lean  an  Riaghlair  agus  ceithir  no  coig 
de  sheann  daoine  critheanach  an  inneal- 
ghiulain  air  an  deachaidh  a  chorp  gu  cladh 
Chille-sgumain,  agus  an  uair  a  chuireadh  a' 
chiste-mhairbh  anns  an  uaigh,   gun  .  uiread 


agus  ainm  no  aois  oirrc,  leiigh  a.m  niiiristear 
an  doicheamh  Salm  thar  an  t-sia  fichead, 
agus  rinn  e  iirnuigh,  a'  toiseachadh  air  an 
urnuigh  mar  so,  "A  Thighearna  losa  Criosd, 
ar  Slanuighear  agus  ar  BreitheamJi,  a  cWiarr 
air  do  dheisciobuil  am  hiadh  briste  a  chrumn- 
eachadh  chum  nach  biodh  e  air  a  chall  tha 
sinn  a'  tiomnadh  corp  basmhor  ar  brathar 
do'n  uir  as  an  d'thainig  e,  an  dochas  nach 
leig  do  throcair  le  anam  a  bhi  air  a  chall, 
agus  gu'n  cruinnich  thu  agus  gu.'n  slanaich 
thxi  air  an  taobh  thall  an  ni  a  bha  air  a 
bhriseadh  anns  an  t-saoghal  so." 

Tha  e  duilich  a  radh  ciod  a  thachras  do 
leithid  Sheumais  Bhruin  anns  an  t-saoghal 
eile.  Bha  daoine  a'  crejdsinn  aon  uair  gu 
bheil  na  mairbh  'n  an  cadal  gu  la  a' 
bhreitheanais,  ach  gu'n  diiisgear  iad  chum 
mod  a  sheasamh  agus  an  sin  gu'm  bi  iad 
air  an  roinn  'n  an  da  bhuidheann,  na  naoimh 
a'  dol  do  neamh  agus  na  peacaich  a'  dol  a 
dh'ifreann  a  dh'fhulang  doruinn  air  na(;;h, 
tig  lasachadh  fad  uile  linntean  na  siorruidh- 
eachd. 

Ach  chan  'eil  feum  ahn  do  dhaoine  a  bhi 
a'  gabhail  orra  gu  bheil-  an  creud  so  a' 
riarachadh  an  inntinn  an  diugh.  Theid 
aig  na  paisdean  air  ceistean  fhaighneachd 
uime  nach  urrainn  thusa  no  mise  a  fhreagairt. 
Ach  ma  theid,  chan  'eil  dad  eile  againn  a 
chuireas  sin  'n  a  aite.  Tha  sinn  mar  dhaoine 
ann  an  ceo,  ach  anns  a'  cheo  ciod  is  glice 
dhuinn  a  dheanamh  na  greim  laidir  a  dhean- 
amh  air  an  fhacal  so,  "  Nach  dean  Breithe- 
amh  na  talmhainn  uile  ceartas  ?  "  "  Tuiteam 
a  nis  ann  an  laimh  an  Tighearna,  oir  is  ro 
lionmhor  a  throcairean ;  ach  ann  an  laimh 
duine  na  tuiteam." 


ludas    Maccabeus 


BU  mhaith  leam  cunntas  goirid  a  thoirt 
air  an  duine  chalma  so ;  duine  a  dh'  fhaodar 
a  choimeas  ri  Raibeart  Brus  no  Uilleam 
Uallace  a  thaobh  gaol-dtithcha,  agus  ri 
Cargill  no  Peden  a  thaobh  eud  diadhaidh. 

Mu  ochd  fichead  bliadhna  roimh  theachd 
Chriosd  dh'  fheuch  anrigh  Greugach  Antio- 
chus  Epiphanes  ri  tir  Israeli  uile  a  thoirt  fo 
chis  agus  an  creideamh  ludhach  a  chur  as« 
Cha  robh  ann  an  Antiochus  ach  diti  nam 
fear.  Bha  e  na  b'  uaibhriche  na  Alastair 
Uaibhreach  fhein  agus  cha  riaraicheadh  rud 
a-  bu  lugha  e  na  gu  'm  biodh  an  saoghal  uile 
'na  aon  iompaireachd,  de  'n  aon  chanain, 
asus  de  'n  aon  chreideamh. 


Bha  fuath  aige  do  na  h-Iudhaich  ach  bha 
fuath  a  bu  mhptha  aige  do  chreideamh  nan 
ludhach,  aoradh  lehobhah;  oir  chunnaic  e 
gu  maith  gur  e  so  a'  bhann  a  bha  'g  an 
cumail  daingean  agus  seasmhach  mar  riogh- 
achd.  Bhris  e  ballachan  lerusaleim,  loisg  e 
a  geatachan,  agus  thruaill  e  an  teampull ; 
agus  los  an  tuilleadh  tamailt  a  chur  air 
muinntir  a'  bhaile  chuir  e  suas  ionihaigli 
ann  an  ciiirt  an  teampuill  agus  dh'  iobair 
e  nnic  air  an  altair. 

Bha  cuid  de  na  h-Iudhaich  a  bha  cho 
trailleil  agus  nach  do  chuir  iad  'n  a  aghaidh ; 
air  ghaol  a  bhi  air  an  taobh  laidir  agus  air 
ghaol  buannachd  ghabh  iad  ri  lagh  Antiocliuis 


lUDAS  MACCABEUS 


agus  lub  iad  an  glun  do  na  diathaii  a  thug  e 
dhaibh. 

Ach  bha  a'  mhor-chuideachd  na  bu  dilse 
do  chreideamh  an  athraichean  na  gu  'n  treig- 
eadh  iad  e  air  ordugh  righ  no  sagairt ;  agiis 
b'  fhearr  leo  am  bas  fhulang  seach  toibheum 
a  thoirt  do  lehobhah.  Tha  e  air  a  radh  gur 
h-ann  anns  na  laithean  deuchainneach  ud  a 
rinneadh  Salm  LXXix  agus  Salm  lxxiv. 

"  A  Dhe,  thainig  na  ciniiich  a  steach  do 
d'  oighreachd ;  thruaill  iad  do  theam- 
pull  naomh;  dh'  fh4g  iad  lerusalen  'n 
a  carnaibh.  Thvig  iad  cuirp  do  sheir- 
bhiseach  mar  bhiadh  do  eunlaith  nan 
speur,  feoil  do  naomh  do  fhiadh- 
bheathaichean  na  talmhainn.  Cuidich 
leinn,  a  Dhe  ar  slainte." 

Geur-leanmhuinn. 

Bha  saighdearan  an  righ  air  an  cur  a 
mach  air  feadh  na  drithcha,  a  thoirt  air  an 
t-sluagh  iobradh  a  reir  gnaths  nan  cinneach 
agus  a  chur  an  sas  na  feadhnach  nach  tugadh 
timhlachd  d'  a  reachd.  Bha  na  sionagogan 
air  an  dimadh,  leabhraichean  an  lagha  air  an 
losgadh,  agus  ainm  lehobhah  air  a  thoirmeasg 
Ged  'bha  gairdean  feola  na  dtithcha  cho  lag 
agus  nach  b'  urrainn  dhi  cuibhrichean  Epi- 
phaneis  a  thilgeil  dhith,  dhuisg  a'  gheur- 
leanmhuinn  agus  an  lamhachas-laidir  a  bha 
e  a'  deanamh  orra  spiorad  an  t-sluaigh ; 
agus  bha  iad  deas  gu  buille  a  thoirt  air  son 
an  saorsa  agus  air  son  an  creidimh,  ged  b'e 
am  bas  bu  deireadh  dha.  Mar  ann  an 
laithean  nam  breitheamhnan  thog  Dia  suas 
gaisgeach  air  an  ceann,  agus  cha  luaithe 
nochd  e  e  fein  na  bha  na  ceudan  air  a  chtil. 

Ann  am  baile  beag  a  tha  siar  air  Jerusa- 
lem bha  sagart  diadhaidh  d'  am  b'  ainm 
Mattathias.  Bha  coignear  mhac  aige ;  agus 
tha  e  coltach  gur  h-e  cruas  nan  amamian 
ud  a  thug  air  Jerusalem  fhagail  agus  fasg- 
adh  a  ghabhail  far  am  biodh  cothrom  aige 
air  aoradh  a  dheanamh  do  Dhia  ann  an  sith. 

Ach  bha  coin-shiubhail  an  righ  air  a  lorg 
agus  fhuair  iad  greim  air.  Dh'  fheuch  iad 
an  toiseach  brosgul  ris ;  thuirt  iad  gu  robh 
meas  aig  an  t-sluagh  air  agus  gu  'n  tugadh 
iad  geill  do  ordugh  an  righ  na  'n  tugadh 
esan  eisiomplair  dhaibh,  agus  na  'n  iobradh 
e  a  reir  gnaths  nan  cinneach. 

Fhreagair  an  sagart  gu  'm  b'  fhearr  leis 
am  bas  seach  a  lamhan  a  thruailleadh  le 
h-iobairtean  nan  cinneach.  Ghabh  ludhach 
leibideach  a  bha  lathair  an  cothrom  so  air 
gean-maith  a  chosnadh  dha  fein  o  phrionnsa 
an  t-saoghail,  agus  thuirt  e  gu  trailleil  gu  'n 
tairgeadh  esan  an  iobairt.  Las  corruich  an 
t-sagairt ;      bhuail '  e    an    t-Iudhach     agus 


teachdaire  an  righ  agus  mharbh  e  iad,  agus 
leag  e  sios  an  t-altair.  Agus  ghlaodh  e  le 
guth  ard  "  ladsan  a  tha  eudmhor  air  taobh 
an  Tighearna  agus  leis  an  aill  a  lagh  a 
ghleidheadh,  leanadh  iad  mise." 

Uallach  an  la. 

Ach  ged  is  e  Mattathias  a  thug  gairm  (_lo 
'n  diithaich  eirigh  an  aghaidh  an  fhir- 
sharuchaidh  is  e  a  mhic  a  ghiulain  uallach  is 
teas  an  latha.  B'e  an  ear  ail  mu  dheireadh 
a  thug  e  dhaibh  : — ■ 

"  Bithibh  eudmhor  air  son  an  lagha 
agus  thoiribh  seachad  'ur  beatha  air 
son  ctimhnant  'ur  n-athraichean.  Cuimh- 
nichibh  na  gniomharan  a  rinn  'ur  n- 
athraichean  'n  an  laithean,  Abraham 
agus  loseph  agus  Caleb  agus  Daibhidh 
agus  Elias  agus  Daniel.  Na  biodh  eagal 
oirbh  roimh  bhriathran  duine,  agus 
teagaisgeadh  na  ginealaich  a  dh'  fhalbh 
dhuibh,  nach  cuirear  gu  h-amhluadh 
neach  a  chuireas  'earbsa^  ann  an  Dia. 
Bithibh  treun,  a  mhaca,  agus  nochdaibh 
'ur  duinealas  air  taobh  an  lagha.  Tha 
fios  agam  giu'  duine  mo  mhac  Simeon 
aig  a  bheil  comhairle  ghlic ;  eisdibh 
ris-san  daonnan;  bidh  e  mar  athair 
dhuibh.  Agus  a  thaobh  ludais,  o  'oige 
bha  e  liddir  agus  treun  :  biodh  esan  'na 
cheannard  dhuibh  agus  cuireadh  e  cath  as 
leth  a  shluaigh." 

Mar  sin  bheannaich  Mattathias  a 
mhic  aj^us  thugadh  e  gu  'athraichean. 
/  Maccab.  2. 

Cha  mhor  theaghJaichean  riamh  anns  an 
robh  coignear  mhac  cho  gaisgeil  ri  clann 
Mhattathias,  ach  ged  a  bha  an  teaghlach 
gun  diu  idir  b'e  ludas  an  roghairm.  Rinn 
iad  uile  seirbhis  dhileas  d'  an  duthaich;  a' 
gabhail  na  stiiirach  fear  as  deidh  fir. 

Chunnaic  athair  gu  robh  ceann  niaith  is 
cridhe  gaisgeil  aig  ludas,  agus  is  e  sin  a  thug 
air  iarraidh  air  each  an  toiseach  a  thoirt  dha, 
ged  nach  b'e  a  bu  shine.  Bha  e  'n  a  shaighdear 
ainmeil  agus  'b  a  chommandair  sonxuichte, 
mar  a  dh'  fhaodar  a  thuigsinn  o'n  ainm  a 
thug  a  dhaoine  fein  air,  am  Farachan,  a 
chionn  gu  robh  a  bhuillean  cho  trom  air  a 
naimhdean.  Cha  robh  aige  ach  aireamh 
bheag  dhaoine,  ach  uair  is  uair  chuir  e  ruaig 
air  armailtean  nan  coimheach. 

"  'N  a  ghniomharan  bha  e  mar  leoghann 
agus  mar  chuilean  leoghainn  ag  iarraidh 
cobhartaich.  Rinn  e  moran  righrean 
doilghiosach  agus  thug  e  gairdeachas 
do  lacob  le  ghnloniharan ;  agus  bidh. 
ainm    beannaichte   gu    brath.       Chaidh 


lUDAS  MACCABEUS— CIOD  A  THA  DIA  AG  lARRAIDH  ORT 


fuaim-  euchdan  air  feadh  an  domhain 
agus  thuit  eagal  air  na  rioghachdan  mu 
'n  ciiairt." 

Saighdear  maith. 

(ied  a  bha  e  cho  seolta  ri  Rominell  cha  b' 
anil  le  seoltachd  a  fhiiair  e  buaidh  daoiinan 
ach  le  cudthrom  agus  braise  nam  buillean  a 
bha  e  a'  toirt  seachad.  Cha  b'  aithne  dha 
eagal  agus  cha  d'  thug  e  riamh  a  chtil  do  'ii 
namhaid,  ged  bhiodh  fichead  duine  aca  mu 
choinneamh  an  aon  duine  a  bha  leis-san. 

Bha  an  namhaid  aon  uair  cho  lionmhor 
agus  gu'  11  do  chomhairlich  a  dhaoine  fein 
dha  gun  aghaidh  a  thoirt  dhaibh.  Fhreagair 
am  Parachan, 

"  Chan  anil  o  lionmhoireachd  feachd 
a  thig  buaidh  an  cogadh :  thig  neart  o 
neamh.  Tha  sinn  a'  cogadh  air  son  ar 
beat  ha  agus  ar  laghannan.  Uime  sin 
sgriosaidh  an  Tighearna  iad  agus  air 
bhur  son-sa  na  biodh  eagal  oirbh 
romhpa." 

Chuireadh  am  blar  agus  chuir  ludas  's  a 
dhaoine  teicheadh  air  feachd  an  righ.  Uair 
eile  bha  an  namhaid  cho  cinnteach  gu'n  rach- 
adh  an  latha  leotha  's  gu'n  d'  iarr  iad  air 
ceannaichean  a  bhi  dliith  chum  gu'n  reiceadh 
iad  riu  mar  thraillean  na  priosanaich  a 
ghlacadh  iad. 

Ach  fhuair  iad  bristeadh-duil  agus  rinii 
am  Farachan  liodairt  orra  nach  d'  fhuair 
iad  riamh  a  leithid.  Thamailtaich  e  arm 
Shiria  gu  buileach  agus  ged  a  chuireadh  na 
commandairean  a  bu  sheolta  'na  aghaidh 
thug  e  dtilain  dhaibh  fad  she  bliadhna. 

An  uair  a  chuimhnichear  nach  e  mhain  gu 
robh  uile  chumhachd  Shiria  'na  aghaidh  ach 
mar  an  ceudna  na  Philistich,  na  h-Edomaich 
agus  na  Moabaich,  coimhearsnaich  aig  an 
robh  seann  ghamhlas  do  Israel,  feumar 
aideachadh  gu  'm  b'  airidh  ludas  air  an 
ainm  a  thug  iad  air,  an  uair  a  chum  e  riutha 
se  bliadhna. 

Caoidh  Israeli. 

Ach  bha  feachd  Shiria  ro  lionmhor,  agus 
ged  a  rinn  am  Farachan  tanachadh  maith 
orra  bha  e  na  b'  fhasa  dhaibh-san  na  bealaich 


a  lionadh  na  bha  e  dha-san,  agus  mu  dheire- 
adh  fhuair  iad  a'  chuid  a  b'  fhe^rr  dheth. 
Anns  a'  bhlar  aims  an  do  thuit  e  cha  robh 
aige  ach  ochd  ceud  duine  agus  bha  fichead 
mile  saighdear-coise  is  da  mhile  saighdear- 
eich  'na  aghaidh.  Chomhairlich  a  dhaoine 
dha  teicheadh  ach  fhreagair  e, 

"  Nar  leigeadh  Dia  gu  'n  deanainn  an 
ni  sin  no  gu  "n  teichinn  romhpa.  Ma 
tha  ar  n-uair  air  teachd,  rachamaid  an 
coinneamh  a'  bhais  gu  duineil  as  leth 
ar  duthcha  agus  na  cuireamaid  smal  air 
ar  n-onoir." 

Bha  am  blar  fuilteach  agus  mharbhadh 
moran  air  gach  taobh.  Mharbhadh  ludas 
Maccabeus  agus  theich  an  t-iarmad  beag  d'a 
dhaoine. 

"  Agus  rinn  Israel  uile  caoidh  air  a 
shon ;  rinn  iad  bron  re  mhoran  laithean, 
ag  radh,  Thuit  an  duine  treun  a  thug 
saorsa  do  Israel.  An  deidh  a  bhais 
thoisich  na  Ji-aingidli  air  an  cinn  a,  chur 
a  mach  ann  an  uile  chriochan  Israeil." 

Ged  a  dh'  fhairtlich  air  ludas  saorsa  a 
chosnadh  d'a  dhiithaich  no  cuing  nan  cinn- 
each  a  thilgeadh  dhith  gu  buileach,  choisimi 
e  saorsa  dhi  ann  an  nithean  spioradail  agus 
lean  an  sluagh  ri  lagh  Mhaois  is  creideamh 
an  athraichean.  Ghabh  fear  d'a  bhraithrean 
aite  an  Fharachain  agus  lean  na  Macca- 
beaich  air  an  aghaidh  fad  iomadh  bliadhna, 
a'  tagradh  cothroim  is  ceartais  d'  an  duth- 
aich. 

Am  measg  maithean  an  t-saoghail  uile  gu 
leir  chan  'eil  fear  eile  as  airidh  air  cliu  as 
airde  na  ludas  Maccabeus.  Ann  an  eud 
faodar  a  choimeas  ri  Eliah  no  Eoin  a'  Bhaist- 
idh ;  ann  an  treine  ri  Samson  no  Saul ;  ann 
an  diadhaidheachd  ri  Abraham  no  Heseciah ; 
agus  ann  an  gaol-dtithcha  ri  Gideon  no 
Deborah. 

Cha  b'  ann  air  ghaol  gloir  a  chosnadh  dha 
fhein  a  dh'  eirich  e  an  aghaidh  an  fhir- 
sharuchaidh  ach  air  ghaol  saorsa  a  chosnadh 
d'a  dhiithaich  agus  creideamh  nan  athraich- 
ean a  ghleidheadh  gun  truailieadh.  Fior 
cheatharnach  agus  fior  dhuin-uasal ;  saigh- 
dear  treun  ann  an  cogadh  naomh. 


Ciod  a  tha  Dia  ag  iarraidh  ort 

Giod  a  tha  ayi  Tighearn  ag  iarraidh  ort  ach  ceartas  a  dheanamh,  agus  trdcair 
a  ghradhachadh,  agus  gluasad  gu  h-iriosal  inaille  ri  d'  Dhia. — Micah  vi.  8. 


ANNS  an  leabhar  a  sgriobh  an  t-Uri'a-rnacli 
Tormod  Mac  Pharlain  mu'n  duine  ghaoiacli., 
an  t-Urramach  Domhnull  Iain  Martainn,  a 


])ha  'u  a  inliiuisteai-  an  Steornabhagh  agus 
aims  an  Oban,  tha  e  ag  innseadh  mu 
bhoirionnach  a  bha  air  a  togail  am  measg 


CIOD  A  THA  DIA  AG  lARRAIDH  ORT 


5 


au  luchd-aidmheil  a  bu  chiiimhne  an  Albainn 
aig  aon  km,  boirionnach  a  chuireadh  cnag 
chotain  'n  a  chiasan  mur  robh  i  an  dull 
gu'n  robh.  an  teagasg  a  bha  i  a'  faotainn  as 
a'  chubaid  fallan.  La  a  bha  "  ministear 
coigreach  "  as  a'  Chleir  a'  searmonachadh, 
air  an  robh  amharus  aice  nach,  robh  e  fallan 
anns  a'  Chreideamh,  ghabh  e  an  ceann- 
teagaisg  so  a  leabhar  an  fhaidh  Micah, 
"  Dh'fheuch  e  dhuit,  0  dhuine,  ciod  a  tha 
maith ;  agus  ciod  a  tha  an  Tighearn  ag 
iarraidh  ort,  ach  ceartas  a  dheanamh,  trdcair 
a  ghradhachadh,  agus  gluasad  gu  h-iriosal 
maille  ri  d'  Dhia.'' 

Cho  luath  's  a  chual  i  na  briathran 
thionndaidh  i  ris  an  neach  a  bu  dlixithe 
dhi  anns  an  t-suidheachan,  is  thubhairt  i 
gu  deurach,  "  Ma  tha  rann  as  miosa  na 
cheile  anns  an  Leabhar  faodaidh  tu  a  bhi 
cinnteach  gu'n  gabh  e  i  mar  cheann- 
teagaisg." 

Ciod  e  do  bharail  f  hein,  a  leughadair ; 
an  abradh  tu  gur  e  so  aon  de  na  ramian 
as  miosa  anns  a'  BhiobuU  ? 

Tearlach  Spurgeon. 

Cha  mhor  mhinistearan  nach  do  shearmon- 
aich  uair  no  uaireigin  air  a'  cheann-teagaisg 
so.  Tha  searmon  aig  Tearlach  Spurgeon  air, 
agus  cha  ghabhadh  esan  ceann-teagaisg  air 
bith  mur  robh  e  an  dilil  gu'n  robh  teagasg 
soisgeulach  ann.  Ann  an  searmon  a  liubhair 
diadhair  eile  o'n  cheann  so  is  e  an  tiotal  a 
thug  e  dha  ann  an  leabhar,  Suim  na  diadh- 
aidheachd.  Bha  Tomas  Huxley  nach  maireann 
de'n  cheart  bheachd ;  ann  an  connsachadh  a 
bha  eadar  e  fhein  agus  Gladstone  thubhairt 
e  gu'r&  faighteadh  cridhe  na  diadhaidheachd 
anns  an  fhacal  so  a  bha  air  a  sgriobhadh 
ochd  ceud  bliadhna  roimh  theachd  Chriosd. 

Chan  'eil  ciiimhne  agam  an  dubhairt 
Gladstone  e,  ach  co  dhiubh  dh'fhaodadh  e  a 
radh,  nach  robh  am  facal  so  air  a  choimhlion- 
adh  gus  an  tainig  Criosd.  Is  ann  'n  a  bheatha- 
san  a  tha  sinn  a'  faicinn  ciod  a  tha  am  facal 
a'  ciallachadh. 

Chan  'eil  na  sgoilearan  cinnteach  ciamar 
a  bu  choir  na  briathran-a  bhi  air  an  tionndadh 
o'n  Eabhra.  Tha  amharus  aig  an  Ollamh 
Seoras  Adam  Smith  gu'm  faodadh  ami  an 
uaigneas  maille  ri  d'  Dhia  a  bhi  na  bu 
dluithe  do'n  smuain  a  bha  ann  an  inntinn 
an  fhaidh  na  gu  h-iriosal,  ach.  dh'fhag  e  e 
mar  tha  e  anns  a'  Bhiobull  Bheurla  agus 
anns  a'  Bhiobull  Ghaidhlig.  "  So,"  ars  esan 
am  facal  as  reamhra  agus  as  maisiche  anns 
an  t-Seann  Tiomnadh,  agus  anns  an  Tiomn- 
adh  Nuadh  fhein  chan  'eil  ach  aon  fhacal 
eile  a  tha  toirt  barrachd  air  a  thaobh  gloire, 


"  Thigibh  am  ionnsuidh-sa  sibhse  uile  a  tha 
ri  saothair  agus  fo  throm  uallach  agus  bheir 
mise  suaimhneas  dhuibh." 

Tha  an  t- Ollamh  Seumas  Moffat  'g  a 
eadar-theangachadh  mar  so,  "  Ciod  a  tha 
an  t-Aon-Siorruidh  ag  iarraidh  ort  ach  a 
bhi  ceart  agus  coibhneil  agus  a  bhi  a'  tighinn 
beo  ann  an  co-chomunn  samhach  ri  Dia  'I  " 

Tha  sgoilearan  eile  de'n  bheachd  nach  ann 
idir  air  irioslachd  no  air  co-chomunn  samhach 
ri  Dia  a  bha  am  faidh  a'  smuaineachadh,  ach 
air  gloine-cridhe  no  geamnachd  am  fianuis 
Dhe.  Theireadh  iad  gur  e  na  tri  puist  ann 
an  teampull  na  beatha  dhiadhaidh,, Ceartas, 
Trocair,  agus  Gloine-cridhe. 

0  linn  gu  linn. 

O  thoiseach  an  t-saoghail  bha  a'  cheist  so 
ann  an  cridhe  mhic  an  duine,  Ciod  a  tha 
lehobhah  ag  iarraidh  orm,  agus  ciod  leis  an 
tig  mi  an  lathair  an  T'  as  airde  ?  Anns  na 
laithean  deireannach  so  tha  fios  againn  gu 
maith  ciod  a  tha  Dia  ag  iarraidh  oirnn,  co 
dhiubh  a  tha  sinn  'g  a  dheanamh  no  nach 
'eil,  ach  ann  an  6g-mhaduinn  an  t-saoghail 
cha  robh  eolas  cinnteach  air  a'  chilis  sin  aig 
daoine.  Chan  ann  a  dh'aon  bhoillsgeadh  a 
thainig  solus  na  firinn  ach  uidh  air  n-uidh, 
aithne  air  aithne,  riaghailt  air  riaghailt, 
beagan  an  so  agus  beagan  an  sud.  Agus  ged 
a  dh'fhaodas  cuid  de'n  Chreideamh  a  bha 
aig  Israel  ann  an  toiseach  a  h-eachdraidh 
mu  Dhia  agus  mu  dhiadhaidheachd  a  bhi 
leanabail  'n  ar  siiilean-ne  is  e  an  Creideamh 
sin  a'  ghiicag  as  an  d'thainig  an  Creideamh 
Criosduidh  ann  an  lanachd  na  h-aimsir,  am 
brat-speilidh  anns  an  robh  Slanuighear  an 
.t-saoghail  paisgte. 

An  uair  a  bha  daoine  a'  tairgsinn  tharbh 
agus  reitheachan  mar  iobairt  do  Dhia,  air 
ghaol  a  bhi  ann  an  reite  ris,  no  a'  toirt 
toradh  an  cuirp  dha  air  son  peacadh  an 
anama,  bha  iad  'g  a  dheanamh  a  chionn 
gu.  robh  e  air  a  theagasg  dhaibh  gu'm  b'e 
sin  an  doigh  cheart  air  fabhar  Dhe  a  chosn- 
adh.  Ach  lion  beag  is  beag,  fo  theagasg 
nam  faidhean,  aig  an  robh  inntinnean  na  bu 
spioradaile  agus  a  bu  gheura  na  bha  aig  na 
sagartan,  chuir  Israel  na  seann  nithean  sin 
air  chul  agus  rainig  i  ann  an  tomhas  air  an 
fhirinn  a  chuir  Criosd  anns  na  briathran  so, 
"Is  Spiorad  Dia;  agus  is  eigin  d'a  luchd- 
aoraidh  aoradh  a  dheanamh  ann  an  spiorad 
agus  ann  am  firinn." 

Obair  nam  faidhean. 

Is  e  obair  mlxor  agus  bheannaichte  a  rinn 
na  faidhean  ann  an  Israel,  gu'n  do  dhearg 


6       CIOD  A  THA  DIA  AG  lARRAlDH  ORT— lOSA  'THUG  DO  M'  ANAM  GRADH 


iad  air  inntinn  an  t-sluaigh  nach  b'urrainn 
dhaibh  Dia  a  thoileachadh  gun  an  caitheamh- 
beatha  a  bhi  ceart.  Shearmonaich  iad  an 
fhirinn  sin  do'n  t-sluagh  gun  sgur,  ag  innse- 
adh  dhaibh  ann  am  briathran  laidir  agus 
soilleir  nach  robh  ann  dhaibh  ach  dioinhanas 
agus  amaideas  a  bhi  a'  saoilsinn  gu'n  gabhadh 
Dia  r'an  aoradh  mur  robh  iad  firinneach  agus 
onorach  ag^^s  iriosal. 

"  Giod  e  lionmhorachd  'ur  n-iobairtean 
dhomhsa  ?  deir  lehobhah ;  na  tugaibh 
tabhartas  diomhain  uaibh  na  's  mo  ;  nighibh, 
glanaibh  ;  cuiribh  airfalbh  olc  'ur  deanadais 
as  7no  shealladh ;  sguiribh  de  dheanamh 
uilc ;  fdghlumaibh  maith  a  dheanamh ; 
iarraibh  breitheanas ;  cvdribh  ceart  an 
t-ainneartach  ;  cumaibh  coir  ris  an  dille- 
achdan  ;    tagraibh  ciiis  na  bantraich." 

Isaiah.  I. 
An  rud  a  bha  ann  o  shean  tha  e  ann 
f liathast ;  tha  daoine  'g  am  mealladh  fein 
gle  thric  le  bhi  a'  saoilsinn  gu'm  faod  iad 
a  bhi  diadhaidh  gun  a  bhi  ceart,  no  trocaire- 
ach,  no  iriosal.  Ach  cha  ghabh  sgaradh 
a  dheanamh  eadar  diadhaidheachd  agus 
moraltachd,  eadar  crabhadh  agus  fheant- 
achd;  tha  iad  a'  dol  an  cois  a  cheile,  agus 
an  ni  a  cheangail  Dia  na  cuireadh  duine  fa 
sgaoil. 

Ciod  a  tha  Dia  ag  iarraidh  ort  ach  ceartas 
a  dheanamh,  agus  trocair  a  ghradhachadh, 
agus  gluasad  gu  h-iriosal  maille  ri  Dia  ? 
Aontaichidh  ar  reuson  agus  ar  coguis  nadurra 
ris  an  fhhinn  so.  An  neach  a  ghluaiseas  mar 
so  am  fiaimis  Dhe  faodaidh  e  dearbhachd  a 
bhi  aio;c  a;u'n  aidich  Dia  e  mar  mhac.     Sin 


teagasg  Mhicah,  agus  their  cuid  gu  bheil  an 
soisgeul  uile  ann. 

Ann  an  aon  seagh  tha  sin  fior,  oir  is  e 
crioch  araidh  an  t-soisgeil  na  grasan  so  a 
mheudachadh  ann  am  beatha  dhaoine,  'ach 
c'aite  am  faicear  no  an  ionnsaichear  ciod  e 
ceartas,  trocair  no  irioslachd  ach  a  mhain 
ann  an  companas  Chriosd  agus  fo  theagasg 
a  spioraid. 

Teachdairean  o  Dhia. 

Cha  robh  anns  na  faidhean  fhein  ach 
teachdairean  a  chuir  Dia  gu  daoine  chum 
an  treorachadh  gu  Criosd  anns  a  bheil 
cumhachd  Dhe  a  rkwmhaicheas  an  t-anam. 
Is  ann  fo  theagasg  Chriosd  agus  ann  an 
co-chomunn  ris  a  bheir  cridhe  mhic  an 
duine  a  mach  toradh  na  naomhachd.  "  Fana- 
ibh  annam-sa  agus  mise  annaibh-se."  Far 
a  bheil  an  t-aonadh  sin  bithidh  a  thoradh, 
oir  chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  a  chruth- 
aicheas  cridhe  nuadh  agus  spiorad  nuadh 
ann  an  cridhe  peacaich  cho  cinnteach  ri 
eagal  a  bhi  air  gu'n  goirticheadh  a  dhroch 
dheanadas-san  cridhe  an  t-Slanuigheir  a 
chuir  fo  chomain  cho  mor  e  le  maitheanas 
a  thoirt  dha  agus  aite  ann  an  teaghlach 
Dhe.  Tha  maitheanas  Dhe  do'n  anam  mar 
tha  a'  ghrian  agus  an  t-uisge  do'n  talamh, 
mathair-aobhair  gach  cinneas  a  thig  air  agus 
gach  toradh  maith  a  thig  as. 

An  cridhe  !  an  cridhe  !  amhaircidh  Dia 
air  a'  chridhe ;  agus  ged  tha  e  ag  iarraidh 
ort  a  bhi  ceart  agus  trocaireach  agus  iriosal 
tha  e  ag  iarraidh  ort  air  thoiseach  air  gach 
ni  eile  do  chridhe  a  thoirt  dha. 


losa  thug  do  m'  anam  gradh 


BHA  an  laoidh  so  air  a  tionndadh  gu  Gaidhlig 
leis  an  Urr.  A.  MacDhiighaill  anns  an  leabhar 
Laoidhean  agus  Dain  Spioradail. 

losa  'thug  do  m'  anam  gradh, 
Gu  d'  uchd  baigheil  teicheam  fein, 
'N  uair  a  dh'  eireas  tonnan  ard, 
'S  doinionn  laidir  tigh'nn  o'n  speur. 
0  !    m'  Fhear-saoraidh,  falaich  nii 
Gus  an  teid  a'  ghaillionn  seach ; 
Sabhailte  do  chala  sith, 
Gabh  mi  aig  a'  chrich  a  steach. 

Didein  eile  chan  'eil  ann, 
'S  tusa  's  taic  do  m'  aiiam  truagh ; 
O  !    na  fag  mi  diblidh,  fann, 
Ghnath  bi  fhein  'g  am  chumail  suas. 
Annad  tha  mo  dhochas  teann, 
Tha  mo  chomhnadh  uait  gu  leir  ; 
0  !  cuir  falach  air  mo  cheann, 
Steach  fo  dhubhar  sgail  do  sgeith. 


'S  tusa  mhain,  a  Chriosd;  tha  uam ; 
Gheibh  mi  uait  gach  uile  ni ; 
Tog  mi  'n  aird  is  ciim  mi  suas, 
Leighis  agus  treoraich  mi. 
'S  ceart  's  is  naomha  d'  ainm  gu  brath, 
'S  mise  'm  peacach  grained,  baoth ; 
Lan  de  thruaill'eachd  tha  mi  ghnath, 
'S  tusa  lan  de  ghras  'tha  saor. 

Agadsa  tha  pailteas  grais, 
Gras  gu  m'  pheacadh  ionnlaid  uam  ; 
Eireadh  sruithean  beo  an  aird 
Chum  mo  nadun  dheanadh  nuadh ; 
'S  tusa  'n  Tobar  beo  gu  fior, 
Chaisgeas  m'iotadh  mhor  gu.  saor, 
Chuireas  solas  ann  am  chridh', 
Fad  na  siorruidlieachd  nach  traoigh. 

Bha  an  laoidh  so  air  a  sgriobhadh  le  Tearlach 
Wesley.  Bha  e  latha  'na  shixidhe  ann  an 
seomar,  a'  leughadh.     Bha  an  uinneag  fos- 


lOSA  THUG  DO  M'  ANAM  GRADH— ORAID  AN  RAKNTTACHD 


gallic,  agus  air  dha  sea-lltuinu  a  maclv, 
chunnaic  e  eun  beag  agiiR  seobhag  as  a 
dheidh.  Bha  an  cridhe  gu  leum  as  an  eun 
leis  an  eagal,  agxis  mu  dheireadh,  nuair  naeh 
robh  doigh.  eile  air  dol  as  o'n  t-seobhaig, 
chaidh  e  steach  air  an  uinneig  is  dh'  fholaich 
e  e  fhein  ann  am  broilleach  Wesley. 

Dhtiisg  sin  smaointean  ann  an  cridhe  a' 
mhinisteir.  Chunnaic  e  gu'n  robh  e  'n  a 
shamhladh  air  an  doigh  anns  a  bheil  an 
t-anam  a'  teicheadh  gu  fasgadh  ann  an 
Criosd.  Thainig  an  fhirinn  dhachaidh  gu 
chridhe,  gu  bheil  feum  aig  an  anani,  coltach 
ris  an  eun  bheag,  air  a  bhi  a'  teicheadh  o'n 
doinionn  agus  o'n  chunnart  a  tha  as  a 
dheidh,  gu  cala  sithe  ;  agus  rinn  e  gairdeachas 
anns  an  fhacal  sin — Bithidh  duine  mar  ionad 
fasgaidh  o'n  ghaoith,  agus  mar  dhidein  o'n 
doininn  ;  mar  shruthaibh  uisge  ann  an  dite 
tioram,  's  mar  sgaile  creige  moire  ann  an  tir 
airsneulaich. 

Gun  dol  a  mach  as  a  sheomar,   sgriobh 
Tearlach  Wesley  an  laoidh  so — 
losa  'thug  do  m'anam  gradh 
Gu  d '  uchd  baigheil  teicheam  fein, 

laoidh  a  th  a  'na  qomhfhurtachd  do  na 
miltean  nach  cuala  riamh  iomradh  air  an 
fhear  a,  sgriobh  i. 

Braithrean  ainmeil. 

Cha  do  rugadh  riamh  anns  an  aon  teaghlach 
dithis  eile  a  bu  bhuiliche  a  thug  iad  fhein  do 
sheirbhis  an  Tighearna  na  Iain  agus  Tearlach 
Wesley.  B'  iadsan  a  chuir  air  a  cois  an  eaglais 
mhor  sin  ris  an  abrar  Methodists.  'S  e  Iain  a 
bu  chumhachdaiche  'n  a  latha  fhein  na 
Tearlach,  agus  is  docha  gur  h-aithne  do 
mhoran  ainm-san  nach  cuala  riamh  iomradh 
air  a  bhrathair.  Ach  tha  mi  an  diiil  gu'm  bi 
laoidhean  Thearlaich  beo  nuair  nach  bi 
cuimhne  air  facal  de  na  sgriobh  Iain. 

'N  an  dithis  rinn  iad  obair  mhor  ann  an 
Sasunn,  agus  tha  an  obair  a'  dol  air  a 
h-aghaidh  an  diugh  fhathast.  Cha  robh  anns 
an  dtisgadh  a  bha  ann  an  Wales  o  chionn 


bhliadhnachan  ach  dusgadh  beag*  aim  an 
coimeas  ris  a'  ghluasad  spioradail  a  bha  ann 
an  Sasunn  anns  an  ochdamh  linn  deug,  fo 
shearmonachadh  nan  Wesley  s  agus  White - 
field. 

Thuirt  Dean  Stanley  uair-eigin  mu  thini- 
chioU  laoidhean  an  ughdair  so,  nach  robh  ann 
am  moran  dhiiibh  ach  moll  no  luideagan. 
Cha  b'e  sin  beachd  Iain  a  bhrathar.  Ann  an 
Roimh-radh  leabhar-laoidh  a  chuir  e  a  mach, 
sgriobh  e.  "  Chuir  duine  no  dha  an  t-urram 
so  ormsa  agus  air  mo  bhrathair — na  laoidhean 
againn  a  ghoid.  'S  e  lan-di-am-beatha  sin  a 
dheanamh,  ma  chuireas  iad  sios  iad  ceart. 
Cha  leig  iad  a  leas  feuchainn  ri  'n  deanamh 
na's  fhearr — oir  chan  urrainn  dhaibh." 

Dh '  innseadh  dha  uair  eile  mu  bhoirionnach 
a  thug  pasgan  beag  do  Gharrick  nuair  a  bha 
e  a'dol  air  bord  luinge,  agus  a  dh'  iarr  air 
gun  fhosgladh  gus  am  fagadh  am  bata  an 
cladach.  Nuair  a  dh'  f  hosgail  e  am  pasgan,  ciod 
a  bha'na  bhroinn  ach  laoidhean  Wesley.  Nuair 
a  chunnaic  Garrick  so,  thilg  e  an  leabhar 
uaith,  fad  a  laimhe,  a  mach  air  a'  mhuir. 
'S  e  thuirt  Iain  Wesley  nuair  a  chual  e  an 
naidheachd — "  Chan  'eil  mi  a'  creidsinn  diog 
dhi — oir  cha  robh  Garrick  air  cho  beag  tiiir.  B' 
aithne  dha  Tearlach  mo  bhrathair  gu  maith 
agus  bha  meas  mor  aig  air  a  bhardachd." 

Tha  e  air  a  radh  gu'n  do  sgriobh  Tearlach 
Wesley  sia  mile  gu  leth  laoidh ;  ma  tha  sin 
f ior,  cha  leigeadh  Iain  a  leas  athadh  sam  bith 
a-  ghabhail  ged  a  theirteadh  ris  nach  robh 
cuid  dhiubh  cho  maith  ri  each.  Bha  an  ceol 
anns  an  teaghlach  gu  nadurra. 

Cha  robh  duine  riamh  ann,  tha  mi  an  diiil, 
d'an  robh  e  na  b'  fhasa  laoidh  a  dheanamh 
na  bha  e  do  Thearlach  Wesley ;  agus  ged 
tha  a  chuid  mhor  de  na  rinn  e  cheana  air 
di-chuimhne,  bithidh  feadhainn  eile  dhiubh 
beo  gu  brath,  agus  'n  am  measg  sin  tha  an 
te  so. 

losa  'thug  do  m'  anam  gradh 

Gu  d'  uchd  baigheil  teicheam  fein. 


Oraid  an  ranntachd 


Is  e  Ailean  Mac  Dhomlinaill,  maighstir-sgoile  ann  an  I-CUialum-Chille  a  chuir  y\  clieilc  na  raiinan  a  leanas 
o  chionn  tri  fichead  bliadhna  agus  deieh. 

Ged  nach  bu  bhaixl  e,  bha  e  'n  a  .sgoilear  math  agus  bha  e  sai'  eolach  air  obair  na  h-eaglais  as  leth  nan 
Innseanach.  Chaidh  Tearlach  Mac  Artair  oileanachadh  ann  an  Sasunn.  agus  shonruich  e  dreuchd  ministeir  aims 
an  eaglais  Easbuigeach.  Thaghadh  e  mar  theachdair  soisgeulach  chum  nan  Innseanach.  Mu'n  do  sheol  e,  thug  e 
sgriob  do  eilean  a  ghraidh  agus  a  dhiithchais. 

Chruinnich  sluagh  an  eilehi,  sean  is  6g,  a  nochdadh  an  gean-math  agus  a  dh'fhagail  beannachd  aige. 

Cha  robh  an  t-Urraraach  Tearlach  Mac  Artair  facia  anns  na  h-Innsibh,  agus  air  a  thilleadh,  shaothraicli  o 
iomadh  bliadhna  ann  an  sgir  Shasunnaich.    Bha  c  fo  ard  chliu  mar  mhinisteir  dileas  agus  mar  dhuine  coir. 

COLLA  DOMHNULLACH,  D.D. 


ORAID  AN  RANISTTAOHD 


Le  fead  na  oafchrncli  is  uai.sleaii 

A  fcha  cruinn  le  clieile. 

'iS  a  thug  dhomhsa  cead  labhairt 

Bidh  mi  teannadh  ri  cirigh. 

Gu  bhi  cur  sios  mar  is  aill  leibh 

Ann  an  Gaidhlig  iio'm  Beurla 

Meud  m'aighear  is  m'aoibhneas 

Na  bheil  d'ur  coibhneas  'g  a  fhenehainn. 

'S  mor  an  t-aobhar  toilinntiiin 
Air  chinnt  do  na  cairdean 
A  bhi  cruinneachadh  comhla 
Chan  ami  a  dh'61  na  deoch  laidir, 
Ach  gu  cliu  an  Fhir-shaoraidh 
A  chraobh-sgaoileadh  's  gach  aite 
Am  -measg  muinntir  gun  e61as 
Th'anns  a'  cheo  aig  an  namhaid. 

Tha  moran  dhaoine  's  na  h-Innsibli 
Mar  chaidh  innseadh  'n  ar  lathair 
Leis  an  Urramach  ghasda 
Ris  an  can  sibh  Mghr  Tearlach , 
Nach  cual  f  hathast  an  soisgeul 
'S  nach  d'fhuair  facal  na  slain te, 
Ach  tha  fuireach  'n  an  truaghain 
Pad  an  cuairt  anns  an  fhasach. 

'S  iad  ag  aoradh  do  dhiathan 
Nach  'eil  air  iarraidh  's  an  fhirinn 
Mar  tha  aimhnichean  mora 
'iS  cuid  le  goraich  dol  sios  annt', 
Ann  an  diiil  's  ann  an  d6chas 
Gu'm  faigh  iad  solasan  siorruidh 
Ma  ni  iad  fuireach  's  an  uisge 
Gus  an  cuir  na  tuiltean  a  dhith  iad. 

Faicibh  innleachdan  Shatain 
Feadh  gach  ait'  anns  an  t-saoghal, 
Tha  na  h-Innseanaich  bhrdnach 
'S  cuid  do  dh'or  dhiubh  ag  aoradh  ; 
Guid  do  bheathaichean  fiadhaich 
'S  cuid  do  iomhaighean  dhaoine 
Cuid  do  nathraichean  nimheil 
'S  cuid  eile  do  chraobhan. 

'H  beag  an  stath  dhomh  bhi  feuchaiiin 

Ris  na  diathan  ac'  aireamh 

Cha  mhor  gu  bheil  eun  anns  an  iarmailt 

Na  beathach  fiadhaich  's  an  fhasach 

Do  nach  dean  iad  sud  lubadh 

Air  an  gluinean  mar  thraillean 

Och  !   nach  cianail  ri  luaidh  e 

Mar  tha'n  sluagh  aig  an  namhaid. 

'S  ann  an  comhnard  Orrissa 

Tha  na  h-iomhaighean  mora 

Obair  dheanta  le  lamhan 

Air  an  caradh  'n  an  teampuil ; 

'S  mur  bheil  sibh  sgith  do  m'  Ghaidhlig 

'S  ma  tha  an  dan  ruibh  a'  c6rdadh 

Deanaibh  tamuU  beag  fuireach 

'S  gheibh  sibh  tuilleadh  an  drdugh. 

Faic  an  Juggernaut  shiiibhlach 
Air  na  cuibhlichean  arda, 
'S  iad  'g  a  tarruing  gu  seolta 
Mach  o'n  teampuil  le  cabuill ; 
'S  ma  ni  thu  beagan  do  dh'fhuireacli 
( 'hi  thu  'phiuthar  's  a  bhrathaiv 
Air  an  tarruing  an  ordugli 
'S  ni  na  sl6igh  riutha  gaire. 


Thig  na  ciadan  's  na  miltean 
As  gach  tir  agus  duthaich 
Dheanamh  aoraidh  do'n  iomhaigh, 
'S  a'  laighe  sios  air  an  gliiinean ; 
Cuid  'g  am  pronnadh  's  'g  an  ciiiiradh, 
'S  iad  fo  na  cuibhlichean  briiite, 
Sud  an  doigh  aig  an  treubh  ud 
Gu  bhi  feuchainn  an  umhlachd. 

Nuair  thig  toiseach  na  feill  so 
Chi  thu  creutairean  bronach 
Air  an  turus  o  chein-thir 
As  gach  treubh  agus  seorsa, 
'S  iad  an  diiil  ma  thig  bas  orr' 
Gu'm  bi  iad  sabhailt  an  s61as 
Ma  ni  iad  tuiteam  mar  mhiltean 
Mach  o  chriochan  an  teampuill. 

Tha  cuid  de'n  t-sluagh  ud  ro  chianail 
Anns  an  t-sliabh  air  am  fagail ; 
Air  an  sgitheadh  le'n  turus, 
Cuid  dhiu  buijeach  air  faillinn, 
'S  iad  a'  tuiteam  gu  lionmhor 
Sios  'n  an  ceudan  's  an  fhasach, 
'S  chan  'eil  duil  ac'  ri  tiatnadh 
Oir  ghlac  piantan  a'  bhais  iad. 

Tha  na  cuirp  ac'  gim  ghluasad, 
Chan  'eil  uaigh  anns  an  teid  iad  ; 
Air  am  fagail  gun  truas  dhiubh 
Sinte  suas  air  na  sleibhtean ; 
'S  iad  aig  beathaichean  fiadhaidli 
Is  aig  eunlaith  'g  an  reubadh 
'Sud  a'  chrioch  aig  an  aireamh 
Rinn  do  namhaid  bhi  geilleadh. 

Dh'fhag  sud  gach  shghe  tha  treoraoh' 
Dh'ionnsuidh  teampuil  na  h-iomhaigh 
Lan  de  chnamhan  nan  daoine  ud, 
Thuit  's  an  aonach  'n  an  sineadh 
Air  am  fagail  ann  sgaoilte ; 
'S  aobhar  smaointinn  an  ni  e 
'S  iad  air  caitheamh  le  gaoithean, 
Is  air  caochladh  le  siontan. 

Chi  thu  banntraichean  bochda 
Air  an  losgadh  gu  bas  ann ; 
Cuid  'g  an  adhlacadh  beo  dhiubh 
Sin  an  seol  a  th'aig  pairt  dhiubh ; 
'S  tha  n'  cuid  cloinne  'g  am  faicinn 
Anns  na  lasraichean  craiteachj 
'S  cha  bhi  deoir  ruith  le'n  gruaidhean 
'S  beag  tha  thruas  ac'  d'am  mathair. 

Ann  an  sud  bidh  na  paisdean 

'S  fiamh  an  gair'  air  an  aodainn, 

'S  iad  ag  iarraidh  gu'm  mathair 

Mar  a  b'abhaist  dhaibh  fhaotainn ; 

Chi  thu  'g  eirigh  o'n  lar  iad, 

'S  an  da  lamh  aca  sgaoilte, 

Faic  na  mathraichean  crua'-chridheach 

'S  iad  'g  am  bualadh  gun  aobhar. 

'S  iad  mar  so  deanadh  cinnteach 
Le  bhi  'g  iobradh  nam  paisdean 
'S  le  bhi  'g  aoradh  do'n  iomhaigh 
'S  a  laidhe  sios  air  an  lar  dhith 
C4um  bi  iad  sona  an  tim  dheth 
'S  ann  an  siorruidheachd  sabhailt 
G  !    nach  cianail  an  daorsa 
Fo  bheil  na  daoine  nd  aig  Satan. 


Aireamh  ii 


1942 


An  t-Iongantach 

Leis  an  Urramach  Buairidh  Moireasdan,  Lit. A.,  Stedrnabhagh 
Goirear  mar  ainm  dha,  Iongantach.—Isa,iah  ix,  6 


IS  e  so  a'  cheud  ainm  de  na  coig  a  tha  anns 
an  earrainn  so  air  an  toirt  do'n  Mhesiah, 
an  Righ  mor  air  son  an  robh  am.  faidh  agus 
cinneach  Israel  gu  leir  a'  feitheamh.  Ma's  e 
righ  a  bhiodh.  'na  dhuine  a  mhain  a  bha  ann 
an  sealladh  an  fhaidh  chan  urrainn  sinn  a 
chainnt  a  ghabhail  ach  mar  bhardachd  anns 
am  bheil  cainnt  na's  treasa  na  tha  an  cuspair 
a  tha  e  a'  laimhseachadh  ag  agairt.  Agus 
faodaidh  e  bhith  gur  h-ann  mar  sin  a  tha 
a'  chuis,  oir  tha  fianuis  an  Tiomnaidh  Nuaidh 
againn  nach  robh  na  faidhean  ach  a'  geur- 
rannsachadh  mu'n  ghras  a  bha  gu  teachd  do 
ar  n-ionnsuidh-ne.  Seadh,  ged  a  bhiodh  e 
air  a  dhearbhadh  gu  cinnteach  nach  robh 
ann  an  sealladh  an  fhaidh  ach  duine  a  mhain, 
cha  leig  sin  a  leas  anns  an  tomhas  as  lugha 
bacadh  sam  bith  a  chur  oirnn  ann  a  bhi  a' 
caradh  nam  briathren  ann  an  lanachd  am 
brigh  ris  an  aon  neach  anns  am  bheil  iad  a' 
faotainn  l^n-choimhlionadh.  Ann  an  losa 
Criosd  tha  sinn  a'  faicinn  da  rireadh  An 
t-Iongantach,  An  Comhairliche,  An  Dia 
cumhachdach,  An  t-Athair  siorruidh,  Prionn- 
sa  na  sithe.  Co,  a  reisd,  ma  sheallas  e  air  an 
duine  iongantach  sin,  losa  o  Nasaret,  a 
chuairtich  a  mhinistrealachd  f  hollaiseach  air 
thalamh  ann  an  cursa  goirid  tri  no  ceithir 
a  bhliadhnachan,  's  e  sin  o  chaidh  a  bhaiste- 
adh  le  Eoin  aig  lordan  gus  an  deach  a 
bhaisteadh  le  teine  agus  fuil  air  Calbhari, 
leis  na  h-aobharan  's  na  toraidhean  a  bha 
cuairteachadh  na  h-eachdraidh  sin, — c6  their 
nach  'eil  na  h-ainmean  anns  an  earrainn  so 
a'  toiseachadh  gu  freagarrach  leis  An  t- 
longantach  ? 

Beachdaich  an  toiseach  air  c6  E. 

Air  ball  tha  nithean  ro-iongantach  a' 
coinneachadh  ruinn  an  so ;  tha  diomhair- 
eachdan  do-rannsachaidh  a  thaobh  pearsa 
a'  chuspair  so.  Buidheachas  do  Dhia,  's 
ann  air  fhein  tha  ar  creideamh  air  iarraidh, 
chan  ann  air  beachdan  sam  bith  a  dh- 
fhaodas  a  bhi  aig  daoine  dha  thaobh.  Ma 
dh'  ionnsaicheas  sinne  a  bhi  ag  earbsa  as 
agus  a  bhi  'g  a  leantuinn  fagaidh  sinn  aige 
fhein  a  bhi  'g  ar  seoladh,  na  am  fhein  's  na 
dhoigh   fhein,    gu    eolas    na's    doimhne    air 


nadur  a  bhith  agus  air  an  ionghnadh  is  E 
fhein.  Ach  a  chum  agus  gu'n  earb  sinn  as 
tha  firinnean  araidh  dha  thaobh  air  an  cur 
fa'r  comhair,  agus  ma  ghabhas  sinn  riutha, 
gun  teagamh  sam  bith  bithidh  gu  leor  againn 
chum  ar  riarachadh  nach  robh  cainnt  ro 
laidir  aig  an  fhaidh  nuair  a  thug  e  mar  ainm , 
dha  An  t-Iongantach. 

A  nadur  mar  dhuine. 

Anns  a'  cheud  aite,  tha  so  againn :  gu'm 
bheil  E  gu  buileach  de  ar  gne  fhein  a  thaobh 
a  nadur  mar  dhuine.  Chan  'eil  ni  sam  bith 
aig  a'  chreideamh  chriosdail  no  aig  fein- 
fhiosrachadh  a'  Chriosdaidh  ri  radh  an 
aghaidh  an  duine  a  their  gu  daingean  gur 
h-e  fior  dhuine  de  shliochd  na  daonnachd  a 
bha  ann  an  losa  Criosd.  Theid  an  Criosdaidh 
fad  na  slighe  le  neach  sam  bith  a  their  gur 
h-e  duine  a  bha  ann  an  Criosd.  Bha  e,  tha 
e,  agus  gu  siorruidh  bithidh  e  'n  a  dhuine. 
Beachd  sam  bith  a  tha  teagmhach  a  thaobh 
fior  dhaonnachd  Chriosd  no  thaobh  firinn 
fhein — f hiosrachadh  mar  dhuine — faodaidh  tu 
air  ball  a  chur  bhuat  mar  neo-scriopturail 
agus  mearachdach. 

Cha  robh  anail  na  beatha  riamh  ann  an 
duine  a  bha  na  b'fhior  'n  a  dhuine  na  bha 
losa  Criosd.  Cha  robh  ni  sam  bith  a  tha 
dligheach  do  fhior  nadur  na  daonnachd  a 
dh'  eaSbhuidh  air  a  dhaonnachd-san.  Chan 
urrainn  sinn  a  dhol  ro  fhada  ann  a  bhi 
leagail  cudthrom  air  daonnachd  Chriosd. 
Feumaidh  sinn  a  dhol  fad  na  slighe  'g  a 
dheanamh.  Chan  'eil  am  peacadh  idir 
dligheach  do  nadur  na  daonnachd.  Nuair 
a  their  sinn  gu  robh  Criosd  gun  pheacadh, 
chan  'eil  sin  idir  co-ionnan  ri  bhi  ag  radh 
nach  robh  e  'n  a  fhior  dhuine.  Bha  an  duine 
'n  a  dhuine  ma's  robh  e  'n  a  pheacach. 
Bithidh  an  duine  'n  a  dhuine  nuair  a  bhios 
e  gu  tur  glan  o  pheacadh.  Agus  bha  an 
duine  sOj  losa  o  Nasaret,  'n  a  dhuine  ged 
nach  robh  e  riamh  'n  a  pheacach. 

A  nis,  thoir  siiil  air  losa  Criosd  mac  an 
duine  !  Nach  'eil  an  t-ainm  a  thug  am 
faidh  dha  'g  a  fhreagairt  gu  math  nuair  a 
chi  thu  e  'n  a  sheasamh  mar  fhior  dhuine 
am  measg  a  bhr^ithrean,  de  'n  dearbh  n^dur 


AN  T-IONGANTACH 


riutha  fhein  ach  'n  a  choigreach  do'n  cionta 
agus  do'm  peacadh.  Seall  air  agus  faic  e 
eadhon  mar  dhuine,  agus  ciod  e  an  t-ainm 
a  b'fhearr  a  fhreagras  air  na  'n  t-Iongantach  ? 

Dia  's  an  Fhedil. 

Ach.  nuair  a  bheachdaicheas  sinn  na's 
fhaide  air  cd  e  tha  nithean  cudthromach  a' 
tighinn  'n  ar  sealladh  'g  a  thaobh  nach 
urrainn  sinn  gun  aite  a  thoirt  dhaibh,  a 
chionn,  na'n  diultadh  sinn  sin  a  dheanamh. 
dh'  fheumadh  sinn  e  fhein  a  thilgeadh  uainn, 
oir  cha  bhitheadh.  e  na  b'  fhaide  'n  a  dhuine 
gun  pheacadh  ach.  ann  an  slochd  na  truaillidh- 
eachd  maille  ri  bhraithrean  uile.  Oir  mur  e 
losa  Criosd  Dia  's  an  fheoil  chan  'eil  e  na's 
fhaide  'n  a  dhuine  gun  pheacadh.  Oir 
thagair  e  dha  fhein,  nuair  a  bha  e  air  thalamh, 
coirichean  nach  b 'urrainn  do  neach  sam  bith 
a  bha  'n  a  dhuine  a  mhain  a  thagairt  gun 
toibheum.  Cha  bhuin  e  dhuinne  a  bhi  min- 
eachadh  cionnus  as  urrainn  do  Dhiadhachd 
a  bhi  aonaichte  ri  daonnachd.  Cha  mho  a 
bhuineas  e  dhuinn  a  bhi  mineachadh  cionnus 
nach  'eil  Dia  ann  an  Criosd  direach  mar  tha 
e  anns  gach  neach  eile.  Their  cuid  nach 
'eil,  ach  a  mhain  gu'm  bheil  e  ann  an  Criosd 
ann  an  tomhas  na's  mo  na  ann  an  each. 
Cha  riaraich  sin  gu  brath  an  sealladh  a  bha 
aig  Criosd  air  fhein ;  cha  mho  a  riaraicheas 
e  an  sealladh  a  bha  aig  na  daoine  sin  air  a 
b'fhearr  aig  an  robh  eolas  air.  Chan  urrainn 
sinne  ach-sleuchdadh  ri  aghaidh  diomhair- 
eachd  do-rannsachaidh,  a'  creidsinn  nuair  a 
choinnicheas  sinn  ri  Criosd,  an  duine,  gu'm 
bheil  sinn  aghaidh  ri  aghaidh  ris  an  Dia 
siorruidh  mar  nach  urrainn  sinn  a  bhi  ann  an 
^ite  no  neach  sam  bith  eile.  Tha  an  fhirinn 
so  aig  bun  a'  chreidimh  Chriosdail.  Eadar 
gu  robh  no  nach  robh  an  fhirinn  so  soilleir 
ann  an  inntinn  an  fhaidh  feumaidh  gur  h-e 
de^rrsadh  na  firinn  so  a  bha  soilleireachadh 
inntinn  nuair  a  thubhairt  e  mu'n  neach  so 
a  bha  'n  a  shealladh  "  Goirear  mar  ainm 
dha  longantach." 

Am  measg  dbaoine. 

A  nis,  ann  an  solus  nan  nithean  sin  dha 
thaobh  seall  air  a  dol  mu'n  cuairt  am  measg 
dhaoine  :  beachdaich  air  na  smuaintean  mor, 
tr,  blath,  mu  thiomchioll  'Athair  neamhaidh 
'g  an  tug  e  guth  am  measg  dhaoine  ;  beachd- 
aich air  a'  chtu-am  choibhneil  a  nochd  e  a 
thaobh  a  bhraithrean  de  shliochd  an  duine 
ged  a  bha  lan-eolas  aige  air  qho  truaillidh  's 
a  bha  iad;  eisd  ri  theagasg  mu  thimchioll 
an  daimh  a  dh'fhaodas  a  bhi  eadar  Dia  agus 
daoine ;  smuainich  air  an  f  hoidhidin  leis  na 
ghitilain  e  tarcuis  dhaoine,  tarcuis  air  a 
theagasg  is  air  fhein,  o  dhaoine  a  bha  e  a' 


deanamh  na  bha  'n  a  chomas  a  bhi  a'  cosnadh 
's  a'  beannachadh;  beachdaich  air  a  dhils- 
eachd  fhoidhidneach  'g  a  shealladh  fhein  air 
firinn  agus  air  ceart  eadhon  ged  chosg  e  dha 
iomadh  plan,  agus  ann  an  suilean  dhaoine 
bas  maslach ;  nuair  a  bheachdaicheas  tu  air 
na  nithean  sin  agus  air  mile  ni  eile  a  bharr- 
achd  orra  a  bhris  a  mach  uaith  re  a  thurus 
goirid  air  thalamh,  's  cinnteach  gu'n  aidich 
thu  geiread  spiorad  an  fhaidh  nuair  a  rinn 
e  iomradh  air  mar  an  t-Iongantach. 

Faodaidh  mi  a  radh  an  so,  gu'm  bheil 
ni-eigin  fada  cearr  anns  na  h-inntinnean 
againne,  mur  'eil  sinn  ag  altrum  'n  ar  cridhe 
a  thaobh  losa  o  Nasaret  rud-eigin  coltach  ris 
an  ionghnadh  a  bha  ann  an  inntinn  an  fhaidh. 
Dh'  amhairc  esan  air  an  Neach  so  air  an  robh 
e  a'  labhairt  tre  cheo  nam  bliadhnachan  agus 
tre  neo-shoilleireachd  sealladh  na  faidhdear- 
achd,  agus  bha  anam  air  a  lionadh  le  ionghn- 
adh agus  le  aoibhneas  leis  na  chunnaic  e. . 

Tha  an  t-ainm  a  tha  e  a'  toirt  do'n  neach 
air  am  bheil  e  ag  amharc  a'  labhairt  ruinne 
air  an  ionghnadh  a  bha  'n  a  'spiorad  ri 
aghaidh  na  gloire  a  bha  a'  cuairteachadh  a' 
chuspair  a  bha  'n  a  shealladh.  Faodaidh 
sinne,  ma's  e  ar  toil  e,  sealladh  soilleir  fhaot- 
ainn  air  an  Neach  nach  robh  am  f  aidh  a'  faicinn 
ach  mar  tre  sgleo,  oir  tha  gloir  Dhe  ri  f  haicinn 
leis  an  neach  leis  an  aill  ann  an  gniiis  losa 
Criosd.  Ach  faodaidh  duine  le  as-creideamh 
is  le  mi-churam  a  dhol  tre'n  bheatha  so  gun 
aon  bhoillsgeadh  fhaicinn  de  ghloir  a'  Chusp- 
air so,  a  chionn  's  gu'rn.  bheil  an  saoghal  is  a 
ghnothuichean  a  lionadh  a  shuilean  's  a 
chridhe.  -  Gu'n  saoradh  Dia  sinn  uile  o'n 
t-suidheachadh  sin. 

Ni-eigin  fada  cearr. 

Tha  rud-eigin  fada  cearr  ann  am  beatha 
an  duine  nach  'eil  air  a  ghluasad  gu  ionghnadh 
ri  aghaidh  an  fhoillseachadh  as  oirdheirce  a 
thug  Dia  riamh  air  fhein  do  dhaoine.  Cha 
mhinich  rud  sam  bith  ach  am  bas  spioradail 
a  lethid  sin  a  shuidheachadh.  Tha  an  dearbh 
ainm  leis  am  bheil  am  faidh  a'  labhairt  uime 
a'  labhairt  ruinne  chan  e  mhain  air  an 
ionghnadh  is  e  e  fhein,  ach  mar  an  ceudna 
air  a'  bhuaidh  a  tha  aig  an  ionghnadh  sin 
air  a'  mhuinntir  a  tha  'g  a  fhaicinn. 

Tha  ni-eigin  ann  an  Criosd  mar  tha  sinn 
'g  a  fhaicinn  anns  an  t-soisgeul  a  tha  toirt 
riarachadh  agus  fois  do  spiorad  luaisgeanach 
an  duine,  'g  a  dheanamh  comasach  a 
chudthrom  a  leigeil  air  facal  lom  Chriosd 
gun  a  bhi  a'  cur  cheisdean  sam  bith.  Tha 
guth  an  ughdarrais  cho  laidir  ami  's  cho 
buadhach,  agus  chan  ionghnadh  sin,  oir 
nuair  a  labhras  Dia  agus  an  duine  ag  eisd- 
eachd,  c6  nach  eisd  agus  nach  sleuchd  ? 


AN  T-IONGANTACH— NAIDHEACHD  MHOR  AM  BAILE  BEAG 


Ach  's  ann  nuair  a  bheir  sinn  fainear  run 
an  longantaich  am  measg  dhaoine  a  tha 
'ughdarras  a'  laighe  gu  sonriiichte  air  ar 
spioradan.  Eisd  ri  bhriathran  f  hein  a  thaobh 
a  ruin :  "  Th^inig  mise  chum  's  gu'm  biodh 
beatha  aca,"  "  Is  ann  mar  sin  a  ghradhaich 
Dia  an  saoghal  gu'n  tug  e  aon-ghin  Mhic 
fein,"  "  Mar  a  thog  Maois  suas  an  nathair 
.  .  .  mar  sin  is  eigin  do  Mhac  an  duine  bhi 
air  a  thogail  suas,"  "Mo  chorp-sa  air  a 
bhriseadh  air  bhur  son-sa,"  "  M'fhuil-sa  a 
dhortadh.  air  son  maitheanas  pheacaidhean 
mhoran." 

Xatanael  agus  P61. 

Nuair  a  dh-eisdeas  sinn  a  leithid  sin  a 
bhriathran  agus  a  ghlacas  sinn  am  brigh, 
a'  cuimhneachadh  aig  an  am  cheudna  c6 
sinn  fhein  agus  a'  faicinn  an  spiorad  anns 
an  deach  Esan,  le  Ian  fhios  aige  air  c6 
sinne,  air  aghart  le  'obair  gus  an  do  chrom 
e  a  che^nn  air  Calbhari  agus  an  do  ghlaodh 
e  "  Tha  e  criochnaichte,"  ciod  is  urrainn 
sinn  a  radh  air  ar  son  fhein  mur  'eil  sinn  a' 
lan-aontachadh  leis  an  fhaidh  ann  a  bhi  'g 
a  ghairm  An  t-Iongantach  ? 

Bha  Natanael  Ian  ionghnaidh  nuair  a 
thubhairt  e  "  Rabbi,  is  tusa  Mac  Dhe,  Is 
tu  Righ  Israeil " ;  bha  Tomas  mar  sin 
nuair  a  ghlaodh  e  "  Mo  Thighearn  is  mo 
Dhia  " ;  agus  nach  robh  Pol  anns  an 
t-suidheachadh  cheudna  nuair  a  thubhairt 
e  "  Tha  mi  air  mo  cheusadh  maille  ri  Criosd ; 
gidheadh  tha  mi  beo ;  ach  cha  mhise,  ach 
Criosd  a  tha  beo  annam ;  agus  a'  bheatha 
tha  mi  nis  a'  caitheamh  's  an  fheoil,  tha  mi 
'g  a  caitheamh  tre  chreideamh  Mhic  Dhe,  a 
ghradhaich  mi  agus  a  thug  e  fein  air  mo 
shon." 


Do  gach  neach  de  na  daoine  sin'  agus  do 
gach  neach  eile  a  dh'  eisd  riamh  ri  guth 
Chriosd,  's  e  facal  Chriosd,  obair  Chriosd, 
lathaireachd  Chriosd  ard-fhoillseachadh  Dhe 
air  fhein  do  dhaoine.  Do  'n  duine  nach  'eil 
a'  coinneachadh  ri  Dia  ann  an  Criosd,  a 
tha  ditilbadh  a  bhi  a'  faicinn  gradh  siorruidh 
Dhe  ann  an  iobairt  Chriosd, — do'n  duine 
sin  chan  'eil  an  corr  aig  Dia  ri  radh  air 
trocair.  'S  e  Criosd  facal  deireannach  Dhe 
ri  daoine.  Chan  ionghnadh  ged  bhiodh  a' 
mhuinntir  a  tha  'g  a  f  haicinn  's  an.  t-sealladh 
sin  le  aon  ghuth  agus  le  aon  chridhe  a' 
labhairt  uime  mar  an  t-Iongantach. 

'Sea'  mhuinntir  a  tha  'g  a  f  haicinn  mar 
sin  mu  am  bheil  e  fhein  ag  radh,  "  An  sluagh 
so  chruthaich  mise  air  mo  shon  fein  a  chum 
gu'n  cuireadh  iad  an  ceill  mo  chliu."  Gu 
firinneach  oidhirpichidh  iad  air  sin  a  dhean- 
amh. 

Tha  fios  agam  gu'm  bheil  cuid  'g  am  bheil 
Criosd  mar  fhreumh  a  talamh  tioram,  is  'g 
am  bheil  creideamh  ann  air  a  mheas  'n  a  ni 
neo— dhuineil,  daoine  fein-mhuinghinneach  aig 
nach  'eil  mothachadh  air  gu'm  bheil  feum 
aca  air  Slanuighear.  Na  daoine  bochda, 
luath  no  mall  thig  iad  chuca  fhein,  agus 
tuigidh  iad  nach  'eil  neart  no  tuigse  air  an 
fhiach  dhaibh  a  bhi  bruidhinn  ach  an  neart 
agus  an  tuigse  air  am  bheil  am  faidh  a' 
labhairt  nuair  a  thubhairt  e,  "  Anns  an  la 
sin  bithidh  an  Tigheafn  'n  a  chrim  gloire, 
agus  -  'n  a  choron  maiseach  do  iarmad  a 
shluaigh;  agus  'n  a  spiorad  breitheanais 
dhasan  a  shuidheas  ann  am  breitheanas ; 
agus  'n  a  neart  dhoibhsan  a  philleas  air  ais 
an  cath  chum  a'  gheata." 


Naidheachd  mh6r  am  baile  beag 

Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  Tigh-an-Uillt 


BHA  clachan  ann,  agus  tha  e  ann  fhathast, 
far  an  robh  an  sluagh  gle  ghaolach  air  a' 
cheilidh,  gu  sonruichte  an  am  a'  Gheamh- 
raidh,  nuair  bhiodh  an  oidhche  fada  's  a' 
ghealach  air  a  coinneil.  An  sin  chruinnich- 
eadh  sean  is  6g  an  tigh  Chaluim,  seana 
fhleasgach  a  bha  's  an  sgu",  agus  cha  robh 
naidheachd  thall  no  bhos  nach  biodh  air  a 
h-aithris  an  sin.  B'e  tigh  Chaluim,  "Tigh 
a'  Chraobh-sgaoilidh  "  anns  an  sgir. 

Air  oidhche  Gheamhraidh  's  a'  bhliadhna 
1940  chaidh  bean  Uilleim  Ruaidh  air  cheilidh 
do  thigh  Chaluim,  agus  dh'fhag  i  an  duine 
aice  agus  an  cat  glas  'g  an  garadh  fein  aig 
taobh  na  cagailte,  agus  iad  le  cheile  a' 
meorach  air  na  luchagan  a  bha  ann  nuair 
bha  iad  6g, 


Co  bha  ann  an  tigh  Chaluim  an  oidhche 
ud  ach  am  maighstir-sgoile  's  e  a'  toirt 
seachad  naidheachd  a'  chogaidh.  Tharruing 
e  dealbh  ceann-a-tuath  na  h-Afric  le  barr  a' 
bhata  's  an  luathaidh  ruaidh  a  bha  mu'n 
chagailt,  is  rinn  e  sgeul  dha  air  euchdan  an 
t-seanalair  ainmeil  Wavell,  mar  bha  e  ag 
iomain  nan  Eadailteach  roimhe  dh'ionnsuidh 
a'  chladaich  mar  gu'm  biodh  cii  a'  dol  an 
caoraich  air  aodann  monaidh. 

Bean  fir  eile. 

Direaeh  nuair  bha  bean  Uilleim  Ruaidh  a' 
dol  a  steach  an  dorus  so  na  briathran  a  bha 
'n  a  bheul  "  Thuirt  am  maor-sithe  rium  gu'n 
d'thainig  fios  an  diugh  fein  gu'n  d'thug  e 
mach  Benghasi.    Nach  bi  e  daor  do  fhear- 


NAIDHEACHD  MHOR  AM  BAILE  BEAG 


na-smig  (Mussolini)  mar  a  rinn  e  ?    Bidh  an 
toir  air  a  nis." 

Shaoil  bean  Uilleim  Ruaidh  gur  e  droch 
fheoil  air  choireigin  a  bha  air  teicheadh.  le 
bean  fir  eile  agus  fiabhrus  oirre  gus  an 
d'fhuair  i  dhachaidh,  far  an  robh  an  duine 
aice  leis  an  naidheachd. 

Nuair  rainig  i  an  tigh  thuirt  Uilleam  rithe, 
Seadh  !  c6  chunnaic  thu  na  gu  de  a  chual 
thu  as  ur  an  nochd  an  tigh  Chaluim  ? 

"  Mata,"  ars  ise,  "  tha  naidheachd  mhor 
's  a'  bhaile  an  nochd  na'n  rachadh  agamsa 
air  a  dhol  troimpe  ceart.  Tha  olc  air 
choireigin  air  teicheadh  le  bean  fir  eiTe. 
Nuair  a  bha  mi  dol  a  steach  an  dorus  aig 
Calum,  bha  am  Maighstir-sgoile  a'  cur  nam 
both  dheth,  's  e  ag  innseadh  mar  fhuair  am 
maor-sithe  againn  fios  gu'n  do  theich  fear 
air  choir-eigin  air  a  bheil  smig  neo-chumanta 
mor  le  bean  Ghasi,  agus  tha  na  maoir,  mar 
gu'm  biodh  mial-choin  ann,  as  an  deidh. 
Ach  CO  e  Gasi  ? 

Smuainich  Uilleam  air  son  greiseag  agus 
thuirt  e  "  Cha  chreid  mi  nach  'eil  an  corr 
de'n  sgeul  agam  fein.  'S  i  bean  a'  ghaidseir 
a  tha  air  chall.  Nuair  bha  mi  a'  tighinn 
dhachaidh  an  latha  roimhe  thachair  i  orm  's 
a  sron  an  aird  's  na  bilean  aice  cho  dearg 
's  ged  bhiodh  iad  air  am  bogadh  an  cuman 
fala — a'  bhiast  tha  i  ann  !  Bha  maileid 
bheag  'n  a  laimh  is  cabhag  gu  leor  oirre  's 
i  a'  deanamh  air  an  trean.  Tha  mi  cinnteach 
gur  e  seann  leannan  a  bha  aice  an  Sasunn 
a  dh'fhalbh  leatha.  Cha  bhi  duine  duilich 
mata  air  son  a'  ghaidseir  oir  tha  e  fein  tuille- 
adh  is  feitheamhach  air  daoine  eile.  Chan 
'eil  ni  's  an  amharc  aige  ach  poit  dhubh  ! 
poit  dhubh  !  " 

Fearg  a'  Ghaidseir. 

Cha  robh  aig  Uilleam  ach  aisling  caillich 
mar  a  durachd.  Ghabh  e  sgriob  a  mach 
mu'n  cuairt  an  ath  latha  agus  thachair  e 
air  fear  no  dha  de  bhodaich  an  aite,  agus 
dh'innis  e  dhaibh  mar  theich  bean  a'  ghaidseir 
le  fear-na-smig,  agus  gu  robh  na  maoir  air 
an  toir.  An  latha  sin  fein  ghabh  an  naidhe- 
achd casan  is  cha  b'e  sin  a  h-uile  casan  a  bha 
cho  luath  rill  !  Mu'n  d'thainig  am  feasgar 
bha  i  feadh  na  sgire  gu  leir  agus  air  son 
beagan  laithean  is  iomadh  bord  air  an  do 
rinn  i  feum  caise. 

Nuair  choinnich  Comunn-na-Beurla  's  a' 
chlachan  feasgar  Di-haoine  bha  an  ceol  feadh 
na  fidhle  oir  cha  robh  bean  a'  ghaidseir  's  an 
l^thair,  agus  bha  sgeul  iir  aig  a  h-uile  te 
riamh  oirre  fein  agus  air  fear-na-smig  's  mar 
bha  na  maoir  as  an  deidh. 


Mu  dheireadh  thall  chual  an  gaidseir  mu'n 
sgeul  a  bha  air  feadh  an  aite  is  thoisich  e  air 
maoidheadh  lagh  is  priosan  air  luchd  nam 
breug.  Cha  robh  fhios  idir  c6  thog  an  sgeul 
an  toiseach  agus  na'n  cuireadh  e  aon  duine 
an  sas  dh'fheumadh  e  am  baile  gu  leir  a 
chur  a  steach. 

An  ceann  beagan  sheachduinean  thill  bean 
a'  ghaidseir  dhachaidh  an  deidh  dhi  cuairt  a 
chur  air  a  cairdean  an  Lunnainn,  's  chaidh  an 
naidheachd  bas. 

Cha  robh  duine  's  an  sgir  nach  do  chreid 
an  naidheachd  oir  bha  dreach  na  firinn  oirre. 
Tha  so  a'  leigeil  ris  dhuinn  nach  coir  dhuinn 
a  h-uile  sgeul  a  chreidsinn  ged  bhiodh  dreach 
na  firinn  oirre. 

lacob  agus  loseph. 

Tha  cuimhne  agaibh  a  bhi  a'  leughadh  ann 
an  Leabhar  Ghenesis  mar  thug  a  mhic  air 
lacob  a  chreidsinn  gu  robh  loseph  marbh 
agus  fad  na  tim  bha  e  beo  's  an  Eiphit.  Bha 
grain  aig  a  bhraithrean  air  a  chionn  gur  e 
bu  docha  le»Iacob.  Nochd  e  a  ghradh  do'n 
ghille  so  nuair  thug  e  dha  cota  nan  iomadh 
dath. 

Dh'fhalbh  iad  aon  latha  do'n  fhasach  leis 
an  spreidh  agus  bha  iad  'g  an  ionaltradh  far 
am  b'fhearr  a  bha  am  feur.  Air  eagal  gu'm 
biodh  iad  gann  de  bhiadh  chuir  lacob  loseph 
air  falbh  d'an  ionnsuidh  le  pasgan  de  bhiadh, 
agus  nuair  chunnaic  iad  a'  tighinn  e  rinn  iad 
guim  gu'n  cuireadh  iad  as  an  rathad  e,  ach 
chomhairlich  Reuben  dhaibh  gun  fhuil  a 
dhortadh  ach  a  thilgeil  an  slochd  's  an 
fhasach. 

Nuair  rainig  e  iad,  rinn  iad  greim  air,  agus 
thug  iad  dheth  an  cota  ur,  agus  thilg  iad  e 
fein  an  slochd  tioram.  An  uine  ghoirid 
chunnaic  iad  buidheann  mhor  mharsantan 
de  shliochd  Ismaeil  air  an  rathad  sios  do'n 
Eiphit.  Chan  fhac  iad  ni  a  b'fhearr  na 
loseph  a  reic  riu  air  fichead  bonn  airgid, 
agus  thug  iad  leo  e  gu  toileach. 

Bha  eagal  gu  leor  air  an  toiseach  's  e  air 
aineol,  ach  bha  na  marsantan  coibhneil  ris 
agus  nuair  rainig  iad  an  Eiphit  reic  iad  e  ri 
Potiphar  a  bha  'n  a  oifigeach  air  an  fhreice- 
adan  aig  righ  Pharaoh. 

A  reir  coltais  bha  Potiphar  'n  a  dhuine 
caomhail  coibhneil  agus  bha  loseph  cho  sona 
maille  ris  's  a  bha  an  latha  cho  fada.  Bha 
leithid  de  ionghnadh  aige  de'n  bhaile  mhor 
far  an  robh  tighean  is  sraidean,  carbadan  is 
eich  agus  na  daoine  mar  na  seangain  air 
sraidean  a'  bhaile.  Bha  buthan  mora  ann 
far  an  robh  obair  oir  is  airgid  is  iomadh  ni  ' 
a  dh'fhagadh  cridhe  balaich  subhach. 


NAIDHEACHD  MHOR  AM  BAILE  BEAG 


Brdn  lacoib. 

Feumaidh  sinn  a  nis  tilleadh  air  ais  far  an 
d'fhag  sinn  a  bhraithrean.  Ghabh  iad  an 
cota  ;  shxac  iad  e  agus  dhoirt  iad  fuil  ghabh- 
air  air  agus  chaidh  iad  dhachaidh  leis  chum 
an  athar. 

Nuair  rainig  iad  am  pailliun  aig  lacob 
thuirt  e  riu,  "  c'aite  bheil  fear  mo  ghraidh, 
loseph." 

Labhair  Reuben  agus  thuirt  e,  "  Tha 
eagal  oirnn  nach  beo  e.  An  oidhche  roimhe 
nuair  bha  sinn  a'  buachailleachd  na  spreidhe 
chuala  sinn  na  leoghainn  a'  gabhail  a' 
chuthaich  agus  thuig  sinn  gu  robh  feisd 
air  choireigin  aca.  Cha  robh  beuc  a  dhean- 
adh  iad  nach  saoileadh  sibh  gu  robh  an 
talamh  a  dol  air  chrith.  Nuair  thainig  an 
latha  chaidh  sinn  a  dh'fhaicinn  gu  de  bha 
aca  agus  fhuair  sinn  an  cota  so  air  an 
talamh." 

Thug  lacob  suil  air  agus  ghlaodh  e,  "  O 
Dhe  ar  n-athriche,  gleidh  sinn;  tha  am 
balach  gu  cinnteach  marbh  !  Chaptill  e 
tuilleadh  !  " 

Chaochail  a  ghnuis  agus  bhuail  a  ghluinean 
an  aghaidh  a  cheile.  Reub  e  eudach  agus 
thuirt  e,  "  bheir  a'  bhuille  so  am  bas 
dhomh-sa." 

Rinn  e  gul  is  caoidh  air  son  loseiph  iomadh 
latha  is  bliadhna  's  gun  f  hios  aige  gu  robh  e 
beo  slan,  's  e  'n  a  "Thighearna  Woolton" 
aig  righ  Pharaoh  's  an  Eiphit.  Rinn  na 
h-uilc  an  sgeul  cho  cinnteach  dha  agus 
shaoil  e  gu  robh  i  fior. 

Chan  'eil  sgeul  ann  cho  luath  a  shiubhlas 
ri  droch  sgeul,  ach  nuair  a  gheibh  thu  sgeul 
a  tha  fior  agus  a  chum  maith  dhaoine  cha 
siubhail  i  idir  cho  luath  agus  cha  bhi  moran 
deas  gu  gabhail  rithe. 

Sgeul  fhior. 

Smuainich  air  an  sgeul  iongantaich  a  tha 
againn  's  an  Tiomnadh  Nuadh,  mar  thainig 
Criosd  a  dh'ionnsuidh  an  t-saoghail  a  shireadh 
's  a  thearnadh  pheacach.  Rugadh  e  'n  a 
naoidhean  an  stabuU  am  baile  Dhaibhidh, 
agus  dh'fhuiling  e  am  bas  air  a'  chrann- 
cheusaidh  air  son  ar  peacaidhean.  Ach 
dh'eirich  e  le  buaidh  thairis  air  an  uaigh 
agus  air  a'  bhas,  agus  tha  e  a  nis  bed  aig 
deas  laimh  an  Athar  far  a  bheil  e  a'  deanamh 
gnath  eadar-ghuidhe  air  ar  son. 

Chan  urrainn  mise  so  a  chur  na's  fhearr 
na  chuir  am  faidh  naomh  e  nuair  a  sgriobh 
e,  "  lotadh  e  air  son  ar  peacadh-ne,  bhruthadh 
e  air  son  ar  n-aingidheachdan,  leagadh  air-san 
smachdachadh  ar  sith  agus  le  a  chreuchdaibh- 
san  shlanuicheadh  sinn-ne." 


So  a'  cheisd,  de  tha  thusa  a'  smuaineach- 
adh  de'n  sgeul  so  ? 

Tha  cuid  ann  a  their  riut  air  a'  cheud 
fhacal  nach  urrainn  iad  a  creidsinn.  Tha 
iad  sin  a'  diinadh  an  doruis  'n  a  aodann  agus 
tha  iad  a'  smuaineachadh  gu'n  teid  aca  air 
a  dhunadh  a  mach  gu  br^th  air  an  doigh  sin. 

Tha  cuimhne  agaibh  a  leughadh  mar  bha 
an  t-abstol  Pol  a'  deanamh  tair  air ;  cha 
chreideadh  esan  air  chor  sam  bith  gu'm  b'e 
mac  Dhe.  Ach  air  an  t-slighe  gu  Damascus 
fhuair  e  an  solus.  Bha  e  air  saoghal  ur  agus 
thuirt  e,  "  Ach  na  nithean  a  bha  'n  am 
buanachd  dhomh  mheas  mi  iad  'n  an  call 
air  son  Chriosd." 

Tha  cuid  eile  ann  agus  their  iad  mu'n 
sgeul  so,  "  bidh  gu  leor  dhuinn  smuaineach- 
adh uimpe  nuair  bhios  sinn  dliith  air  crioch 
ar  turuis."  Faodaidh  gu'n  tig  teachdaire 
cruaidh  a'  bhais  chugad  gun  rabhadh  sam 
bith,  agus  gu'n  glac  e  thu  as  t'fhaireachadh, 
agus  nach  bi  cothrom  agad  air  glaodhach 
air  son  trocair. 

B'aithne  dhomh-sa  duine  beartach  agus 
bha  e  de'n  bheachd  na'n  deanadh  e  a 
thiomnadh  gu'n  tigeadh  am  bas  air  an  uine 
ghoirid.  Theireadh  e  gu'm  biodh  e  trath  gu 
leor  an  uair  a  bhuaileadh  galar  a  bhais  e. 
Ach  aon  latha  bhuail  saighead  gheur  a' 
bhais  mu'n  chridhe  e  agus  cha  d'fhuair  e 
cothrom  air  ni  a  bhuineadh  dha  a  chur  an 
ordugh . 

An  sin  thoisich  an  iorghaill  am  measg  a 
chairdean.  Bha  iad  mar  gu'm  biodh  fithich 
acrach  air  closach  reamhar,  a  h-uile  neach  a' 
feuchainn  c6  bu  mho  a  gheibheadh. 

Tha  nithean  ann  a  tha  moran  na's  fhusa 
an  deanamh  an  diugh  na  am  maireach.  So 
aon  dhiubh.  Mar  is  sine  bhios  sinn  a'  dol  's 
ann  is  duiliche  bhios  e  dhuinn  ar  n-inntinn 
a  dheanamh  suas. 

Tha  cuid  eile  ann  agus  tha  iad  a'  gabhail 
ris  an  sgeul  so  agus  tha  iad  a'  leigeil  fhaicinn 
'n  am  briathran  agus  'n  an  caitheamh- 
beatha  gu  bheil  iad  a'  creidsinn  gu  bheil  i 
fior. 

N'am  biodh  daoine  an  t-saoghail  gu  leir  a' 
creidsinn  na  sgeil  so  nach  ann  air  a  thigeadh 
an  da  latha  !  -Chitheadh  tu  an  sin  caomhal 
achd  is  baigh  am  measg  dhaoine  agus  chuir- 
each  iad  cul  ri  fuath  is  naimhdeas,  strith  is- 
cogadh. 

Tha  fhios  gu  bheil  an  rathad  fada  doirbh 
fhathast  ach  tha  sinn  an  dochas  gu'n  deal- 
raich  la  nan  gras  nuair  chreideas  gach  neach 
tha  beo  an  sgeul  a  tha  os  cionn  gach  sgeil  eile. 


NAIDHEACHD  MHOR  AM  BAILE  BEAG— ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  an  latha  sin  cha  bhi  feum  aig  an  dara- 
brathair  air  a  bhxathair  eile  a  theagasg  oir 

Le  connspoid  is  le  h-an-iochd  both 
Cha  bhuairear  linn  nan  gras, 
Gu  speal  is  coltar  iompaichear 

Gach  claidheamh  's  inneal  bais. 


bidh  iad  uile  air  an  teagasg  le  Dia.     Bidh 
againn  an  sin  linn  nan  gras. 

An  solus  thig  bho  Shion  ard 
Dealraidh  feadh  dhiithcha  cein, 
'8  do'n  righ  'n  a  shuidhe  air  Salem  ta 
Bheirear  's  gach  aite  giill. 


Anns  a'  Chathair 


so  agad  facal  nach  'eil  air  uisneachadh  ach 
aon  uair  anns  an  Tiomnadh  Nuadh,  am 
facal  spermologos.  Sin  am  far-ainm  a  thug 
cuid  de  na  Feallsanaich  anns  an  Aithne  do 
Phol  an  uair  a  shearmonaich  e  Criosd  dhaibh. 

Tha  am  facal  Greigis  so  air  eadar- 
theangachadh  anns  an  t-seann  Bhiobull 
Ghaidhlig  fear  bith-bhriathrach.  Mar  so  tha 
e  soilleir  nach  ann  a  mholadh  Phoil  a  thug 
iad  dha  an  t-ainm  ud  ach  a  mhagadh  air. 
Bha  iad  a'  ciallachadh  nach  robh  ann  ach 
cabaire,  no  bladhdaire,  no  glagaire;  duine 
aig  an  robh  sruth  seanchais  ach  gun  mhoran 
tuir  no  seagh. 

An  uair  a  theirear  spermologos  ri  duine 
air  bith  is  e  an  dealbh  a  dh'eireas  fa  chomhair 
t'inntinn,  duine  a  bhios  a'  cruinneachadh 
nithean  neonach  mar  gu'm  biodh  eun  a' 
leumartaich  air  dtman  no  air  an  rathad,  a' 
togail  spilgeanan  sil  no  sbruileach  air  bith 
eile  a  thachras  air.  Tha  mise,  a  leughadair, 
a'  dol  a  dheanamh  spermologos  dhiom  fhein 
agus  a'  dol  a  chruinneachadh  air  do  shon-sa 
spilgeanan  sil  a  seanchas  Mhartainn  Luther, 
cruithneachd  agus  chan  e  seagall. 

Edlach  air  a' Bhiobull. 

Ann  an  aon  aite  tha  e  ag  radh  gur  e  na 
deuchainnean  agus  na  buairidhean  a  thainig 
chuige  a  rinn  cho  eolach  anns  a'  Bhiobull  e 
's  a  bha  e.  "  Thug  iad  orm,"  ars  esan, 
"  cladhach  domhain  anns  an  Fhirinn:  gun 
dragh  cha  tuig  neach  air  bith  an  sgriobtur. 
Bha  dragh  agus  deuchainnean  gu  leoir  agam- 
sa ;  bha  am  Papa,  agus  na  h-oilthighean,  agus 
daoine  ionnsaichte,  agus  an  Diabhol  fein,  uile 
'n  am  aghaidh,  is  chuir  sin  a  dh'  ionnsuidh 
a'  Bhiobuill  mi." 

An  uair  a  chuir  duine-eigin  a'  cheist  air 
Augustine,  c'aite  an  robh  Dia  m'an  do  rinn 
e  neamh  thubhairt  Augustine  gu  robh  e  ann 
fdin.  Chuir  duine  air  chor-eigin  a'  cheart 
cheist  so  air  Luther,  ach  b'e  an  fhreagairt  a 
thug  esan,  "  Bha  e  a'  deanamh  deas  ifrinn 
air  son  peasain  dhalma  mar  tha  thu  fein." 
An  sin  chaidh  e  air  aghaidh  gu  bhi  a'  labhairt 
air  morachd  Dhe  agus  n^dur  Dhe. 


"  Tha  Dia,"  ars  esan,  "  anns  a  h-uile  aite 
agus  chan  'eil  e  ann  an  aite  idir ;  tha  e 
eu-comasach  do  dhuine  beantail  ris  no  a 
lorgachadh  an  taobh  a  mach  d'a  fhacal. 
Tha  Dia  r'a  fhaotainn  far  an  do  gheall  e 
fein  gu'm  faighteadh  e ;  fhuair  na  h-Iudhaich 
ann  an  Jerusalem  e,  aig  cathair  na  trocair. 
Tha  'sinne  'g  a  fhaotainn  anns  a'  Bhiobull, 
anns  na  sacramaidean,  agus  ann  an  iirnuigh, 
ach  'n  a  bhith  agus  'n  a  nadur  agus  'n  a 
mhorachd  fein  c6  a  ruigeas  air  no  a  thuig- 
eas  e  ?  " 

"  M'an  do  thionndaidh  mi  an  Tiomnadh 
Nuadh  as  a'  Ghreigis  bha  an  sluagh  'g  a  ionn- 
drainn  agus  'g  a  iarraidh  ach  a  cheart  cho 
luath  's  a  thug  mi  dhaibh  e  'n  an  cainnt  fein 
dh'  fhas  iad  coma  dheth.  Dh'fhas  iad  suarr- 
ach  uime  agus  dh'  iarr  iad  leabhraichean 
Mhaois ;  thug  mi  dhaibh  leabhraichean 
Mhaois  ach  ann  an  iiine  ghoirid  dh'  fhas 
iad  sgith  dhiubhsan.  An  sin  mhiannaich 
iad  na  sailm  fhaotainn;  thug  mi  dhaibh, 
na  sailm  ach  dh'  fhas  iad  sgith  de  na  sailm 
cuideachd.  Sin  mar  tha  muinntir  an  t-saogh- 
ail :  chan  f han  iad  air  an  aon  chursa  fada ; 
tha  iad  daonnan  ag  iarraidh  nithean  tira." 

Am  mile  cruth. 

"  Ma  bu  mhaith  leat  fearg  no  carraid  a 
chur  air  an  Diabhol  chan  'eil  agad  ach  tois- 
eachadh  air  Criosd  a  shearmonachadh  agus  a 
mholadh.  Tha  ainm  mills  losa  mar  gu'm 
biodh  droch  aileadh  ann  an  cuinnlein  an 
Diabhoil :  chan  urrainn  e  fantuinn  fo  na 
h-aon  sparran  ri  losa.  Chan  'eil  spiorad  eile 
anns  a'  chruthachadh  cho  carach  no  cho 
mealltach  ris  an  Diabhol ;  thig  e  gu  daoine 
ann  am  mile  cruth  ach  daonnan  air  dhroch 
thurus.  Air  uairean,  an  uair  a  dh'  fhairt- 
lich  e  orm  teicheadh  a  chur  air  leis  an  sgriob- 
tur thoisich  mi  air  magadh  a  dheanamh  air, 
ag  radh  ris,  A  Shatain  bheannaichte,  nach 
dean  thusa  iirnuigh  air  mo  shon  ri  Dia  ?  An 
raoir  agus  mi  air  dusgadh  as  mo  chadal 
thainig  an  Diabhol  chugam  is  thuirt  e  rium, 
'  Tha  Dia  fada  bhuait  agus  cha  chluinn  e  d' 
urnuigh.'  '  Mur  cluinn,'  thubhairt  mise  ris 
'  glaodhaidh  mi  na's  4irde.'  " 


ANNS  A'  CHATHAIRr-AN  T-AINM  MILIS 


"  Is  iad  so  na  talantan  a  tha  feumail  do 
shearmonaiche  maith  a  bhi  aige  gu  nadurra ; 
a  bhi  ordail  'n  a  sheanchas ;  a  bhi  deas  agus 
geur  'n  a  f  hacal ;  a  bhi  maith  air  bruidhinn ; 
guth  maith  a  bhi  aige ;  a  bhi  soilleir  'n  a  inn- 
tinn  fhein  ciod  a  tha  e  a'  creidsinn ;  agus  a 
bhi  coma  ged  bhiodh  an  saoghal  a'  deanamh 
tair  air  agus  a'  magadh." 

B'abhaist  do  Luther  a  bhi  ag  radh  gu  robh 
searmonaiche  nach  leanadh  ris  a'  cheami- 
teagaisg  ach  a  bhiodh  a'  bruidhinn  air  fichead 
cuspair  anns  an  aon  searmon  coltach  ri  cii  a', 
comhartaich  ris  a'  ghealaich. 

Eagal  a  bhi  leis  fh^in. 

An  uair  a  bhiodh  a  chridhe  trom  no  fo 
thrioblaid  cha  b'  urrainn  Luther  fantuinn 
leis  fhein :  dh'  f heumadh  e  seanchas  a  dhean- 
amh  ri  cuid-eigin,  ged  b'e  paisde  a  thachradh 
air.  "  Seach  a  bhi  a'm'  onrachd,"  thubhairt  e, 
"  an  uair  a  thig  amhghar  chugam,  b'  fhearr 
learn  ruith  a  mach  agus  dol  am  measg  nam 
muc  fhein.  Tha  cridhe  mhic  an  duine  mar 
gu'm  biodh  clach-mhuilinn ;  ma  chuireas  tu 
cruithneachd  foidhpe  bidh  an  cruithneachd 


air  a  bhleith  agus  air  a  dheanamh  'n  a  mhin 
mhin;  mur  cuir  thu  cruithneachd  foidhpe 
theid  a'  chlach-mhuilinn  mu'n  cuairt  mar  bha 
i  a'  deanamh,  ach  an  aite  bleith  a  dheanamh 
tha  i  'g  a  cosg  fhein.  Is  ann  mar  sin  a  tha 
cridhe  mhic  an  duine  :  mur  bheil  an  cridhe  air 
a  lionadh  le  smuaintean  agus  ruintean  ceart 
gheibh  an  diabhol  cothrom  air  dol  a  steach 
do'n  aite  a  tha  falamh  agus  bheir  e  leis  feachd 
uamhasach  de  dhroch  smuaintean  agus  de 
bhuairidhean,  nithean  a  chnamhas  an  cridhe.' 
Ged  bha  Luther  'n  a  sgoilear  maith,  agus 
ged  chuir  e  seachad  a  bheatha  a'  craobh- 
sgaoileadh  soluis  agus  saorsa,  cha  robh  e  an 
diiil  gu  robh  e  maith  do'n  t-saoghal  uiread 
leabhraichean  a  bhi  air  an  sgriobhadh.  Ach 
ciod  a  theireadh  e  na'm  faiceadh  e  leabh- 
raichean an  la  diugh  ?  Bhiodh  e  ag  radh  gu 
robh  lionmhorachd  nan  leabhraichean  a' 
cumail  dhaoine  o  bhi  leughadh  a'  Bhiobuill, 
an  aon  leabhar  a  bu  choir  a  bhi  ann  an 
lamhan  dhaoine.  Bhiodh  e  ag  radh  cuideachd 
gu  robh  fiabhrus-sgriobhaidh  a'  tighinn  air 
daoine  mar  ghalairean  eile,  air  a  thogail  ann 
an  cuid  le  gloir-mhiann,  ann  an  cuid  eile  le 
amaideas,  ann  an  cuid  eile  le  gaol  an  airgid. 


An  t-Ainm  Mills 


CHAN'EIL  doigh  as  fhearr  air  cumhachd 
Chriosd  agus  obair  gr^is  anns  an  anam  a 
nochdadh  do'n  t-saoghal  na  iomradh  a 
dheanamh  air  daoine  sonruichte  anns  an 
robh  cumhachd  Chriosd  air  f hoillseachadh 
gu  soilleir.  Sin  an  t-aobhar  gu  bheil  mi  a' 
sgriobhadh  air  an  duilleig  so  mu  Iain  Newton, 
searmonaiche  ainmeil  a  bha  ann  an  Sasunn 
anns  an  ochdamh  linn  deug. 

An  laithibh  oige  bha  e  mi-chtiramach  is 
aingidh  os  cionn  dhaoine  eile;  chaidh  e  gu 
muir  comhla  ri  athair  mu'n  robh  e  ach  da 
bhliadhna  dheug  a  dh'  aois,  agus  am  measg 
sheoladairean  agus  am  bailtean-puirt  dh' 
ionnsaich  e  gach  seorsa  uilc  a  b'  urrainn  do 
bhalach  6g  ionnsachadh.  Thuit  e  air  falbh 
gu  buileach  o  gach  cleachdadh  a  tha  glan  is 
urramach,  agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
thuit  e  air  falbh  gu  buileach  o'n  clireideamh 
anns  an  do  theagaisg  a  mhathair  e.  Dh' 
fhas  e  'n  a  ana-creideach,  agus  cha  robh  rud 
a  b'  fhe&rr  leis  na  bhi  a'  connsachadh  ri 
daoine  eile  nach  robh  Dia  ann. 

Fad  greis  bha  e  ann  an  te  de  na  soithichean- 
cogaidh  ach  bha  a  theanga  cho  salach  agus  a 
ghniomharan  cho  ain-diadhaidh  's  gu'n  do 
chuireadh  aisde  e,  is  bha  e  air  a  sgiiirsadh 
gu  follaiseach  m.ar  dhroch  dhuine  am  baile 
Phlymouth. 


An  sin  fhuair  e  obair  ann  an  Africa  bho 
dhuine  a  bha  deanamh  airgid  le  bhi  reic 
thraillean ;  bha  e  'n  a  bhriiid  cho  mor  's  nach 
robh  suim  aige  do  Dhia  no  do  dhaoine,  is 
thuit  e  cho  iosal  's  nach  robh  eadhon  na 
daoine  dubha  toileach  bruidhinn  ris.  Ach 
ghabh  sgiobair  Sasunnach  a  thachair  air  ann 
an  Africa  truas  dheth  is  thug  e  dha  aite  air 
a'  bhata  aige  fhein. 

Air.  dhoigh  air  chor-eigin  mu'n  am  so 
fhuair  e  greim  air  an  leabhar  a  bha  air  a 
sgriobhadh  le  Tomas  a  Kempis,  LeanwJiuinn 
Chriosd.  Dhuisg  an  leabhar  sin  a  choguis 
agus  thoisich  e  air  a  radh  ris  fein,  ciod  ma 
tha  na  nithean  so  f  ior  ?  Thoisich  e  air 
urnuigh,  agus  gus  an  naidheachd  a  dhean- 
amh goirid  bha  e  air  iompachadh. 

An  uair  a  bha  e  air  iompachadh  thainig 
iarrtus  laidir  'n  a  chridhe  feuchainn  ris  an 
olc  a  rinn  e  'na  oige  a  dhioladh  le  seirbhjs  a 
dheanamh  do  eaglais  Dhe,  agus  thoisich  e  air 
e  fein  ullachadh  air  son  searmonachaidh.  Bha 
e  air  a  choisrigeadh  mar  mhinistear  anns  an 
eaglais  Shasunnaich  agus  air  a  shuidheach- 
adh  ann  an  Olney,  aite  a  tha  ainmeil  an 
diugh  a  chionn  gur  h-ann  ann  an  Olney  a 
thachair  Iain  Newton  agus  am  bard  Cowpej 
air  a  cheile,  agus  a  rinn  iad  an  leabhar  sin 
ris  an  abrar,  Laoidhean  Olney, 


8 


AN  T-AINM  MILIS 


Tha  cuid  de  laoidhean  Iain  Newton  anns 
na  leabhxaichean-laoidh  againne  anns  an 
eaglais  ChJeirich,  ach  tha  aon  te  ann  a  tha 
anabarrach  boidheach  is  milis,  laoidh  a 
chumas  ainm  air  chuimhne  gu  brath : — 

Cia  milis  aimn  an  t-Slanuigheir  chaoimh, 
An  cluas  a'  chreidmhich  bhochd  ! 
Caisgidh  e  bron  is  leon  nan  naomh, 
Gun  eagal  orr'  roimh  lochd. 
An  spiorad  bruits  ni  e  slan, 
A'  fuadach  crdidh  o'n  chridh' ; 
Mar  mhana  ni  e  'n  t-acrach  Ian, 
'S  bheir  tamh  do'n  ast'rach  sgith. 

Is  rud  iongantach  e  gu'm  biodh  aon  de  na 
laoidhean  as  milse  air  a  sgriobhadh  le  duine 
doirbh ;  gu'm  biodh  laoidh  a  tha  cur  an  ceill 
gradh  an  anama  do'n  fhear-shaoraidh  air  a 
sgriobhadh  le  duine  oho  aingidh  ri  Iain 
Newton  a  chuir  seachd  dara  leth  a  bheatha  a' 
mallachadh  ainm  losa.  Ach  theagamh  nach 
'eil  an  rud  cho  iongantach  idir :  tha  cuimhne 
agaibh  air  an  naidheachd  a  dh'  innis  losa 
do  Shimon  mu'n  dithis  dhaoine  air  an  robh 
fiachan. 

"  Bha  aig  fear-iasachd  araidh  fiachan  air 
dithis  dhaoine  :  air  fear  dhiubh  bha  aige  cdig 
ceud  peighinn,  agus  air  an  fhear  eile  leth- 
cheud.  Agus  a  chionn  nach  robh  aca  ni  leis 
an  dioladh  iad,  mhaith  e  amficahan  dhaibh  le 
cheile.  Co  aca,  uime  sin,  is  mo  a  ghradhaicheas 
e  ?  Thubhairt  Simon  Tha  mi  a'  meas  gur  e  am 
fear  d'  am  mo  a  mhaith  e.  Agus  thubhairt 
losa  ris,  Is  ceart  a  thug  thu  breith." 

'Na  shuilean  fein  bha  Iain  Newton  'g  a 
fhaicinn  fein  mar  am  fear  air  an  robh  coig 


ceud  peighinn  de  fhiachan  aig  Dia,  agus  an 
uair  a  fhuair  e  na  fiachan  sin  uile  air  am 
maitheadh  dha  le  saor  ghras  an  Tighearna 
bha  a  chridhe  air  a  leaghadh  an  taobh-a- 
stigh  dheth  le  ionghnadh  is  grkdh. 

Ciod  a'  bhann  as  laidire  a  tha  ceangal 
cridheachan  chreidmheach  ris  an  Tighearna 
losa.  Tha,  taingealachd  air  son  na  rinn  e 
agus  na  dh'  f hulling  e  air  an  son.  Sin  an 
tobar  as  an  d'  th^inig  an  eaglais ;  an  steidh 
air  a  bheil  an  eaglais  air  a  togail.  Chan 
urrainn  duine  an  Tiomnadh  Nuadh  a  leugh- 
adh  gun  fhaicinn  agus  gun  f haireachduin  gu 
robh  na  daoine  a  sgriobh  e  a'  deanamh  gair- 
deachais  ann  an  ni-eigin  a  bha  dhaibh  fein 
cho  iongantach  agus  cho  glormhor  's  gu  robh 
e  duilich  dhaibh  briathran  fhaotainn  leis  an 
innseadh  iad  e  do  dhaoine  eile;  ni-eigin  a 
bha  cur  aoibhneis  'n  an  cridhe  agus  oran 
nuadh  'n  am  beul.  Tuigidh  a  h-uile  duine 
a  fhuair  maitheanas  bho  Dhia,  agus  d'  an  do 
chuir  Dia  foluch  air  a  chionta,  tuigidh  e  an 
taingealachd  so  a  bha  ann  an  cridheachan 
nan  ceud  chreidmheach ;  a'  cheart  f  haireach- 
duin a  bha  ann  an  cridhe  Iain  Newton  an 
uair  a  sheinn  e, — 

Ge  meata  m'  oidhirpean  an  troths', 
Ge  fann  mo  ghradh  's  mo  ghldir, 
'Nuair  bhios  mi  maille  riut  gu  h-ard 
Molaidh  mi  mar  is  coir. 

Gu  sin  biodh  plosgartaich  mo  chre 

A'  cur  an  geill  do  ghrais, 

'8  biodh  d'  ainm  'na  cheol  dhomh  fad  mo  re, 

'8  'na  stdidh  aig  dm  mo  bhdis. 


A'  fagail  beannachd  aig  Maighstir  Tearlach 


{Air  a  leantuinn  o'n  Aireamh  mu  dheireadh. — C.D.) 

Chan  'eil  teang'  ann  am  cheann-sa 
Chuireas  cainnt  air  an  ordugh 
Na  ni  idir  dhuibh  innseadh 
Staid  nan  Innseanach  bronach 
Ged  bu  bhard  mi  cho  briathrach 
'S  a  bha  riamh  's  an  Eoinn-Eorpa 
Gheibhinn  obair  gun  chrioch  ann 
'G  a  chuir  finealta  an  ordugh. 


'S  e  mo  dhurachd-sa,  a  chairdean, 
Ged  a  tharlas  dhuinn  sgaoileadh 
Gu'm  bi  'ehoinneamh  so  air  chuimhne 
Nuair  nach  cluinn  sibh  ar  glaodh-ne 
'S  gu'm  bi  na  chunnaic  's  na  chual  sibh 
Mu'n  t-sluagh  ud  tha'n  daorsa 
'N  a  bhuannachd  d'ar  gluasad 
Fad  ar  cuairt  anns  an  t-saoghal. 

Gu'n  toir  sibh  moladh  do'n  Chruithfhear 
Gu'm  bheU  'ur  cuibhrionn  an  aite 
Far  bheil  an  soisgeul  ri  chluinntinn 
Fuaim  aoibhneach  na  slainte ; 
'S  cuireadh  fial  agus  farsuinn 
Aig  gach  neach  th'anns  an  lathair 
Tighinn  a  dh'6isdeachd  na  firinn 
Air  a  mineach'  gach  Sabaid. 


Theid  sinn  gach  aon  dhinn 
Ann  an  uine  nach  mor  i 
Mach  a  dh'ionnsuidh  ar  dreuchdan 
Mar  a  dh'f heumas  ar  seorsa ; 
Cuid  mu  thuath  is  mu  dheas  dhinn 
Theagamh  feasda  nach  comhlaich 
Ann  an  I  Chalum-Chille 
Far  an  trie  robh  sinn  eolach. 


Slan  leat,  a  Mhaighstir  Tearlach, 
Gu  ma  fearr  an  ath-chomhdhail; 
'S  e  mo  dhurachd  gu'n  tachair 
Dhuit  gu  math  f  had  's  is  beo  thu ; 
Gu'm  bi  thu  d'mheadhon  gu  tearnadh 
O'n  namhaid  tha  'n  toir  orr' 
Moran  anamanna  priseil 
De  na  h-Innseanaich  bhronach. 

O  !   chlann  I-Chalum-Chille 
Bithibh  titheach  'n  'ur  n-6ige 
Air  an  t-soisgeul  a  leughadh, 
'S  'ur  cos-cheum  ni  e  threorach' 
Ann  an  sHghe  na  slainte 
A  bheir  sabhailt  gu  gloir  sibh 
Sin  theid  crioch  air  'ur  truaighean 
'S  gheibh  sibh  suaimhneas  is  solas. 


Aireamh  i 


1943 


Aig  an  Uinneig 


Bliadhna  mhaith  ur  dhuibh. 
CHAN  urrainn  fear-deasachaidh  nan  duille- 
agan  so  dad  as  freagarraiche  a  radh  ris  an 
luchd-leughaidh  aig  toiseach  na  bliadhna  na'n 
seann  ghuidhe  so,  Bliadhna  mhaith  ur  dhuibh. 

Ciod  a  dh'  fhaodas  tachairt  an  1S43,  tha 
sin  folaichte'  oirnn.  Ach  ged  is  e  na  nithean 
mora  a  tha  a'  tachairt  arms  an  t-saoghal  an 
diugh,  agus  air  am  bi  iomradh  ann  an 
eachdraidh,  a  thogas  suas  no  a  leagas  sios 
cor  agus  crannchur  na  rioghachd,  is  e  na 
nithean  beaga  nach  fhiach  an  ainmeachadh 
ann  an  eachdraidh  idir  aig  am  bi  a'  bhuaidh 
as  motha  air  beatha  gach  aoin  againn. 
Fichead  no  da  fhichead  bliadhna  'n  a  dheidh 
so,  ma  bhios  tu  air  do  chaomhnadh,  theagamh 
nach  e  Stalingrad,  no  Libya,  no  Eileanan 
Sholomoin,  idir  a  chumas  1942  'n  ad  chuimhne 
mar  bhliadhna  mhor  'n  ad  bheatha,  ach  litir 
a  fhuair  thu,  no  facal  a  chual  thu  anns  an 
dol  seachad,  no  aodann  a  chunnaic  thu  air 
son  na  ceud  uaire,  no  turus  a  ghabh  thu  air 
te  de  bhataichean  Mhac  Brayne, — sin  no 
rudan  beaga  eile  cho  suarach  riu  na  bannan 
air  a  bheil  ar  beatha  am  bitheantas  a' 
tionndadli.  Ach  tha  lamh  agus  rim  an 
Tighearna  ann  an  nithean  beaga  cho  cirmt- 
each  's  a  tha  iad  ann  an  nithean  mora  ;  chan 
'eil  mionaid  d'ar  beatha  nach  'eil  a  f  hreasdal- 
san  ag  oibreachadh  as  ar  leth.  Tha  Dia 
maille  ruinn  a  ghnath  co  dhiubh  a  tha  sinn 
'ga  chreidsinn  no  nach  'eil,  agus  tha  e  a' 
labhairt  niinn  le  iomadh  guth  a  h-uile  la, 
na'n  robh  a'  chluas  againn  a  dh'  eisdeadh 
agus  an  cridhe  a  thuigeadh. 

Is  lionmhor  do  smuaintean  d'ar  taobh-ne. 

Tha  iad  na's  lionmhoire  na  gu'n  gabh  iad 
aireamh. — Salm  xL.  5. 

Agus  cluinnidh  do  chluasan  facal  o  d' 
chidaibh,  ag  radh.  So  an  t-slighe,  gluaisibh 
innte.- — Isaiah  xxx.  21. 

An  diugh,  ma  dh'iisdeas  sibh  r'a  ghuth,  na 
cruadhaichibh  bhur  cridhe.— Salra  xcv.  8. 

Dh'  eirich  e  agus  lean  e  losa. — Lucas  v.  28. 

Na  duilleagan  Gaidhlig. 

Bu  mhaith  learn  air  a'  bhliadhna  so 
barrachd  cuideachaidh  fhaotainn  air  son 
nan  duilleagan  so  na  f  hua  ir  ffii  r.i.^mh  roimhe, 


chan  ann  a  chionn  gu  bheil  mi  a'  fas  sgith, 
no  a  chionn  gu  bheil  an  soitheach  min^  agus 
an  corn  olaidh  agam  f  hein  uile  gu  leir  falamh 
fhathast,  ach  a'  chionn  gu'm  b'  fheairrd  an 
luchd-leughaidh  guth  iir  a  chluinntinn  agus 
atharrachadh  air  mo  chuid-sa  fhaotainn  an 
drasd  agus  a  ris. 

Chan  'eil  seann  searmoin  ,a  dhith  orm ;   is 

e  an  rud  a  bu  mhaith  leam  fhaotainn,  seanchas 

mu  chuspair  air  bith  a  bhuineas  do  shaoghal 

nam  beo  agus  anns  a  bheil  tiidh  aig  daoine 

tuigseach.      Bhiodh   e  freagarrach   ann  an 

leabhar  na  h-eaglais  na'n  tugadh  duine-eigin 

a  tha  beachdail  air  comharaidhean  na  h- 

aimsir  cumitas  reidh  ciallach  dhuinn  air  an 

atharrachadh  a  thainig  cheana,  agus  a  tha 

fhathast  a'  tighinn,  air  smuaintean  dhaoine 

a  thaobh  a'  Bhiobuill,  agus  la  na  Sabaid, 

agus  beatha  na  diadhaidheachd,  agus  iigh- 

darras  na  h-eaglais,  agus  nithean  eile  mar 

sin.     Ma  bha  ar  n-aithrichean  ceart  'n  an 

uile  theagasg  agus  'n  an  uile  dhoighean,  a 

bheil  sinne  neo-dhileas  do'n  Bhiobull  agus 

do'n  Fhirinn  a  chionn  nach  'eil  sinn  'g  an 

leantuinn?      Ann   an   oisean   beag   de'n  t- 

saoghal  mar  tha  a'  Ghaidhealtachd,  oisean 

.nach  motha  na  garadh-cail,  agus  am  measg 

sluaigh  a  tha  de'n  aon  stoc,  tha  atharrachadh 

gu  maith  mor  eadar  na  beachdan  a  tha  aig 

muinntir  Eaglais  na  h-Alba  agus  muinntir  na 

h-eaglais  Shaoir  a  thaobh  Crabhaidh  agus 

Creidimh.   A  bheil  anns  an  atharrachadh  sin 

ach  fasan-smuain  nach  'eil  ach  ann  an  cainnt 

a  mhain  agus  air  uachdar  am  beatha  ?    No 

a  bheil  e  a'  dol  na's  doimhne,  agus  a'  dean- 

amh  sgaraidh  eadar  dhaoine  am  fianuis  Dhe 

mar  tha  e  a'  deanamh  am  fianuis  dhaoine. 

Ciod   am  mughadh  a  tha  eadar  an  t-Ard 

Ollamh  Iain  Baillidh,  a  bhios  'n  a  Cheann- 

suidhe  air  an  Ard-Sheanadh  am   bliadhna 

agus  Mac  Rath  Mor  ?     An  abradh  tu  nach 

'eil  mtighadh  idir  a  thaobh  na  pairt  sin  de'n 

fhirinn    a    tha    siorruidh    agus    nach   gabh 

atharrachadh,  agus  ma  tha  mtighadh  eatorra, 

gur  ann  uile  gu  16ir  'n  an  cainnt,  agus  'n 

an  aois,  agus  'n  am  fasan-smuain.     Ach  tha 

sin  fhein  a'  togail  cheistean  eile,   ciod  an 

crioman  de'n  fhirinn  a  tha  siorruidh  agus 

neo-chaochlaideach  agus  ciod  an  crioman  a 

tha  caochlaideach  agus  timeil,  agus  ciamar 

a  dh'  aithnicheas  tu  an  dara  ni  o'n  ni  eile. 


AIG  AN  UINNEIG 


Sin,  agus  raontan  eile  mar  sin,  na  h- 
achaidhean  air  am  faodadh  ministearan  no 
sgriobhadairean  eile  cuspairean  fhaotainn  a 
dh'  fliosgladh  iad  anns  na  duilleagan  so. 
Air  neo  cuspair  air  bith  eile  a  bheireadh 
dhaibh  cothrom  air  am  fiosrachadh,  no'n 
eolas,  no  toradh  am  breathnachaidh.,  a' 
chomh-phairteachach  ri  ar  luchd-leughaidh. 

Bu  mhaith  leam  cunntas  maith  fhaotainn 
air  eaglais  mhor  Chliamain,  an  Rodul,  anns 
na  h-Earadh,  agus  cunntas  air  Iain  Mac 
Gilleathain  a  bha  'n  a  mhinistear  anns  an 
Tairbeart,  agus  gu  sonruiclite  na  nithean 
domhain,  agus  na  nithean  tugaideach,  agus 
na  dubh-fhacail  is  na  geur-fhacail,  a  bhiodh 
e  ag  radh.  Bha  seanchas  agus  searmonachadh 
Iain  Mhic  Gilleathain  coltach  ri  dhiithaich 
anns  a'  cheum  so,  gu'n  robh  glinn  agus 
beanntan  annta.  Air  cuid  de  'Shabaidean 
chan  fhagadh  e  iosal  nan  gleann  fad  na 
h-uine,  agus  a  dh'  innseadh  na  firinn  bhiodh 
e  air  uairean  a'  tuiteam  ann  an  sluic.  Ach 
air  Sabaidean  eile  bhiodh  e  air  mullach  na 
beinne  fad  na  h-iiine,  agus  an  uair  a  bhitheadh 
b'e  sin  na  laithean  grianach  d'a  luchd- 
eisdeachd.  Cha  chuala  mi  duine  riamli  a 
throideadh  ri  coimhthional  cho  laghach  ri 
Iain  Mac  Gilleathain ;  cha  b'  urrainn  eadhon 
muinntir  Scalpaidh  oilbheum  a  ghabhail  an 
uair  a  bheireadh  e  dhaibh  sgrailleadh  air  son 
a  bhi  a'  deanamh  uiread  stararaich  a'  fagail 
ceithe  an  Tairbeairt  air  oidhche  Shathurna, 
an  deidh  dhaibh  a  bhi  shuas  ann  an  tigh 
nach  ruigear  a  leas  ainmeachadh.  Aig 
fheabhas  b'  fhiach  Iain  Mac  'Gilleathain 
Boswell  a  bhi  'n  a  chois,  agus  ma  tha  duine 
air  bith  as  urrainn  dioghlum  d'a  sheanchas 
no  d'a  shearmoin  a  thoirt  dhomh,  gus  a  chur 
anns  na  duilleagan  so,  bhithinn  fada  'n  a 
chomain. 

Bardachd,  litreachas,  eachdraidh,  cor  na 
h-eaglais  agus  cor  an  t-saoghail,  diadhair- 
eaehd,  sgoilearachd,  obair  na  rioghachd  agus 
aobhar  an  t-soisgeil,  sin  cuspairean  a  tha 
uile  freagarrach,  agus  faodaidh  duine  air 
bith  a  sgriobhas  a  bhi  cinnteach  gu'm  faigh 
a  bheachdan  aite  agus  eisdeachd  anns  na 
duilleagan  so. 

Ach  tha  mi  an  dochas  gu'm  bi  paipear  air 
bith  a  thig  chugam  ann  an  lamh-sgriobhaidh 
as  urrainn  clodhairean  aig  nach  'eil  Gaidhlig 
a  chur  an  clodh  gun  droch  chainnt.  Cha 
ghniomh  coibhneil  no  criosdail  e  a  bhi  a' 
toirt  air  clodhairean  a  bhi  a'  mionnachadh. 
An  uair  a  bhiodh  Tomas  Carlyle,  agus  an 
t-Ollamh  Chalmers,  agus  Seoras  Saintsbury, 
ag  aideachadh  ard  peacaidhean  saoileam  an 
d'  aidich  iad  riamh  an  cionta  anns  a' 
cheum  so  ! 


Rud  air  bith  a  chuireas  sibh  air  son  nan 
duilleagan  Gaidhlig  so  cuiribh  e  gu  Ddmhnull 
Mac  Laomuinn,  am  Blar  Aiholl. 

An  cogadh. 

Tha  e  na's  inntinniche  a  bhi  a'  leughadh 
nam  paipearan-naidheachd  an  drasd  na  bha 
e  o  chionn  bliadhna  no  dha,  oir  tha  sinn 
fhein  agus  America  a  nis  air  dol  'n  ar 
n-uidheam  agus  air  fas  cho  laidir  's  gu'n  teid 
againn  air  buillean  troma  a  thoirt  do'n 
namhaid.  Bha  la  eile  ann;  la  anns  nach 
robh  daoine  no  armachd  againn,  agus  tha 
aobhar  againn  a  bhi  taingeil  do  Dhia  gu'n 
d'  fhuair  sinn  cotlu-om  air  uidheamachadh 
as  iir  gu  dol  an  ordugh  catha,  an  uair  a 
thionndaidh  a'  Ghearmailt  air  Ruisia.  Chan 
'eil  teagamh  nach  do  rinn  an  rioghachd  so 
mearachdan  gu  leoir  anns  a'  chogadh  o  na 
thoisich  e,  mearachdan  as  leir  dhuinn  a  nis 
ged  nach  b 'urrainn  dhuinn  am  faicinn  no  an 
seachnadh  aig  an  am,  ach  saoilidh  mi  gu 
bheil  e  'n  a  aon  de  na  comharaidhean  gu 
bheil  lamh  agus  gliocas  Dhe  'g  a  stiiiradh 
nach  do  rinn  an  rioghachd  mearachd  mhor 
nach  gabhadh  leasachadh,  eadhon  anns  na 
laithean  dorcha  anns  am  faodadh  cridheachan 
laidir  meatachadh  agus  cinn  mhaith  dol 
troimh  cheile.  Air  an  laimh  eile,  ged  bha 
a  dhaoine  fhein  an  diiil  nach  do  rinn  agus 
nach  deanadh  Hitler  mearachd,  agus  ged 
thoisich  rioghachdan  eile  air  sin  a  chreidsinn, 
is  e  Hitler  a  rinn  na  mearachdan  as  mo  a  • 
rinneadh  anns  a'  chogadh,  mearachdan  nach 
urrainn  e  a  leasachadh  a  nis,  no  dol  air  ais 
orra,  agus  d'an  crioch  gu'm  bi  uabhar  fhein 
agus  uabhar  a  dhiithcha  air  an  isleachadh 
anns  an  duslaich.  Chan  'eil  teagamh  air 
bith  uime  sin.  A  dh'  aindeoin  na  boilich  a 
tha  iad  a'  deanamh  chan  'eil  a'  feitheamh 
air  cinn-iuil  na  Gearmailt,  agus  air  an  t-sluagh 
a  dh'  fhudaraich  iad  gu  cogadh,  ach  gu'm 
bi  iad  air  an  ceannsachadh  agus  air  an 
striochdadh  mar  bha  iad  anns  a'  chogadh 
mu  dheireadh,  agus  air  an  narachadh  agus 
air  am  fuathachadh  mar  nach  robh  daoine 
eile  riamh.  C  uin  a  dhichuimhnicheas  na 
h-Iudhaich,  no  na  Polaich,  no  na  Lochlann- 
aich,  lamhachas -laidir  agus  briiidealas  na 
Gearmailte  ? 

Ged  rinn  an  rioghachd  so  mearachdan  a 
bha  cosdail  dhi  fhein  chan  urrainn  an 
saoghal  a  chur  as  a  leth  gu'n  do  ghabh 
i  aon  cheum  no  gu'n  do  rinn  i  aon  ghniomh 
a  bha  leibideach,  no  gealtach,  no  narach, 
o  mhaoidh  Hitler  gu'n  rachadh  e  a  chogadh 
mur  faigheadh  e  a  thoil.  Cha  do  bhris  i  a 
facal  no  a  gealladh  do  rioghachd  air  bith 
eile,  agur  cha  mho  a  dhiiilt  i  cuideachadh  led. 


Atd  AN  ['innkk'j 


^ 


Tiiug  i  cuideaclxadh  dhaibli  os  ciomi  a  comais, 
ged  bha  seorsa  de  naire  oirnn  am  fianuis  an 
t-saoghail  nach  b'  urrainn  iompaireachd 
mhor  Bhreatuinn  na  rioghachdan  beaga  a 
dhion  mar  bu  mhaith.  leinn,  le  cion  airm 
agus  armachd. 

Tha  na  dh'  eirich  do'n  Fhraing  an  1940  a' 
nochdadh  gu  soilleir  ciod  a  dh'  fhaodas 
tachairt  do  rioghachd  ma  tha  cladhaireachd 
no  eas-aonachd  no  gealtachd  anns  na  cinn- 
iuil,  agus  air  uairean  bithidh  e  a'  tighinn  'n 
am  inntinn  nach  b'  urrainn  sluagh  Bhreatuinn 
dad  eile  a  dheanamh  ach  mar  rinn  an  Fhraing 
na'n  robh  an  t-seisear  dhaoine  a  bu  chumh- 
achdaiche  anns  an  Riaghaltas  aig  an  am  'n 
an  cladhairean  boga  aig  nach  robh  cridhe 
laidir  no  comhai^-le  dhuineil  ri  uchd  a' 
ghabhaidh.  Cha  robh  aca  ach  innseadh  do 
na  paipearan-naidheachd  gu  robh  iad  aon- 
sgeulach  gu'm  bu  ghlic  do'n  rioghachd  leigeil 
leis  a'  chogadhstad,  is  dheanadhna  paipearan- 
naidheachd  fhein  an  corr  ann  an  da  latha. 
Agus  ciod  a  b 'urrainn  an  shiagh  a  dheanamh  ? 
Bhiodh  naire  agus  fearg  orra,  ach  bhiodh 
eas-aonachd  agus  roinnean  'n  am  measg 
cuideachd. 

Ach  buidheachas  do  Ni-maith  bha  daoine 
duineil  agus  gaisgeil  air  cheann  na  rioghachd 
so  an  uair  a  thainig  an  stoirm  oirnn  gun 
rabhadh  agus  a  gheill  an  Fhraing,  agus  an 
uair  a  sgriobhar  eachdraidh  a'  chogaidh,  tha 
mise  cho  cinnteach  's  a  tha  mi  cinnteach  gu 
bheil  am  peann  'n  am  laimh  gur  e  misneach 
Bhreatuinn  agus  a'  chlise  leis  an  do  rinn  i 
suas  a  h-inntinn  agus  an  do  shuidhich  i  a 
ciirsa,  an  rud  as  iongantaiche  agus  as  gaisg- 
eile  a  rinneadh  anns  a'  chogadh  so  uile  gu 
leir.  Ann  an  oidhche  dhorcha  na  stoirme 
bha  Breatunn  mar  thigh-sokiis  do'n  t-saoghal. 

Oileanachadh  mhinistearan. 

Thatar  a'  deanamh  moran  bruidhne  ann 
an  Cleirean  na  h-eaglais  an  drasd  mu'n 
doigh  anns  am  bu  choir  do  ghillean  oga  a 
bhi  air  an  oileanachadh  air  son  dreuchd  na 
ministrealachd,  ach  tha  mi  an  diiil  nach 
dean  a'  bhruidhinn  sin  maith  no  cron. 
Bithidh  an  duine  ceart  'n  a  mhinistear 
maith  agus  feumail  ciod  air  bith  an  doigh 
anns  an  robh  e  air  oileanachadh,  agus 
bithidh  an  duine  cearr  'n  a  bh^^mailear  no 
'n  a  naire  ged  a  lionadh  tu  a  cheann  le 
psychology  agus  economics  an  aite  Eabhra. 

Tha  fichead  doigh  anns  a  bheil  inntinnean 
dhaoine  a'  fas  agus  ag  abachadh,  agus  bu 
dana  do  dhuine  air  bith  a  radh  gu  bheil  aon 
doigh  na's  fhearr  na'n  doigh  'eile,  no  gu'm 
freagair  an  aon  doigh  air  a  h-uile  duine.  Is 
e  an  f  hirinn  nach  'eil  moran  feuma  do  inntinn 


duine  ann  an  rud  air  bith  ach  an  rud  a  dh' 
ionnsaicheas  e  dha  fhein  agus  leis  fhein. 

Cha  b'  ann  air  na  h-aon  chtirsachan  a  tha 
sinne  a'  cur  a  mach  do  oileanaich  oga  an 
diugh  a  bha  Alasdair  Whyte,  agus  Wallace 
Williamson,  agus  Seumas  Mac  Griogair,  agus 
Seoras  Adam  Smith,  agus  Seumas  Denny, 
agus  Uilleam  H.  Mac  Griogair,  air  an  togail 
ach  air  a  shon  sin  cha  robh  cion  oiieand^chaidh 
air  gin  dhiubh,  agus  is  maith  an  gnothuch 
ma  bhios  a'  ghineal  ur  cho  uidheamaichte 
air  son  an  oibre  ris  an  t-seann  te. 

Ach  ged  tha  mi  ag  radh  so  chan  "eil  dad 
agam  an  aghaidh  atharrachadh  a  dheanamh 
air  a'  chiirsa-fhoghluim  an  Tallachan  na 
Diadhachd,  ach  chan  'eil  dull  no  dochas 
agam  gu'n  dean  sin  miighadh  air  bith. 

Tha  aon  phuing  air  a  bheil  sinn  uile  de  'n 
aon  inntinn,  gu'm  bu  choir  eolas  maith  a  bhi 
aig  oileanaich  oga  air  a'  Bhiobull  Bheurla,  no 
ma  thoilicheas  tu,  air  a'  Bhiobull  Ghaidhlig. 
Ma  tha  eolas  mionaideach  agus  eolas  gaolach 
aig  ministear  air  a'  Bhiobull  tha  uidheam 
agus  armachd  aige  na's  fhearr  na  uidheamach- 
adh  eile  fo'n  ghrein.  Ach  a  ris  chan  ann  o 
chursachan-foghluim  a  gheibh  e  an  t-eolas 
sin  ach  le  shaothair  fhein  a'  rannsachadh 
nan  Sgriobturan. 

An  t-Urramach  DomhnuU  Mac  Fhionnlaigh, 
M.A.,  B.D. 

Chaochail  an  seana  mhinistear  gasda  so 
o  chionn  ghoirid  an  lonar-nis ;  comharraichte 
fad  iomadh  bliadhna  am  measg  mhinistearan 
Chataibh.  Bhuineadh  e  do  Loch-Carrann ; 
bha  e  air  oileanachadh  an  Oilthigh  Obar- 
Dheathain  agus  anns  a'  Chollaist  Nuadh,  an 
Dun-eideann,  agus  air  a  shuidheachadh  an 
1890  an  Storr  air  taobh  Shiar  Chataibh,  far 
an  do  shaothraich  e  a  chuid  mhor  de 
laithean  a  mhinistrealachd. 

Bha  6  'n  a  dhuine  glic  agus  'n  a  dhuine 
coir ;  ministear  maith  de  'n  t-seann  stoc, 
air  an  robh  iarraidh  aig  an  t-sluagh  an 
sgireachdan  eile  's  an  Airde  Tuath  aig  na 
h-Orduighean. 

Bha  e  'n  a  sgoilear  maith,  gu  sonruichte 
an  Laidionn.  O  chionn  bhliadhnachan  chaidh 
e  fhein  agus  Mghr  Mac  Gillinnein,  an  Cinn- 
taile,  air  chuairt  do  Phalestin,  agus  thug  e 
cunntas  anns  na  dujlleagan  Gaidhlig  so  air 
na  nithean  ura  agus  sean  a  chunnaic  iad, 
agus  an  solas  a,  thug  e  dhaibh  a  bhi  a' 
gluasad  air  an  talamh  bheannaichte  air  an 
do  choisich  na  Faidhean  aon  uair. 

"  'S  learn  oighreachd  bhriagh  nach  gann." 

Cha  duine  bochd  e  a  tha  'n  a  dhileabach 
air  an  oighreachd  so,  solus  agus  blaths  na 


4 


Aid  AN  niNNEK^i 


greine  aims  an  la  agus  solus  na  gealaich  agus 
nan  reultan  anns  an  oidhche;  maise  fuinn 
is  cuain  an  uair  a  bhios  an  l^^a'  briseadh. 
agus  a'  ghrian  a'  deanamh  an  t-saoghail 
riomhach  le  dathan  f  iona  agus  oir ;  gealltanas 
nan  trathan  an  uair  a  bhios  duilleach  agus 
gucagan  nan  craobh  a'  gobachadh.  anns  an 
earrach,  agus  a  bhios  am  barr  air  na  h-ach- 
aidhean  trom-bhuidhe  le  abachas  agus  torr- 
achas  na  bliadhna ;  s^mchair  agus  sith  an 
t-saoghail  air  la  feathail  geamhraidh  an  uair 
a  tha  an  talamh  comhdaichte  le  brat  ur 
sneachd  a  tha  na's  gile  agus  na's  riomhaiche 
na  falluinn  a  bha  riamh  air  bean-bainnse ; 
oran  na  h-uiseig  air  a'  mhachair  air  maduinn 
Cheitein,  agus  guileag  na  feadaig  air  a' 
mhonadh  air  feasgar  foghair;  solus  na 
h-uinneig  air  oidhche  fhuar  agus  dhorcha 
an  uair  a  tha  tha  a'  dltithachadh  ri  d' 
dhachaidh  fhein,  agus  tathunn  coin  no  sitir 
eich  a  tha  ag  aithneachadh  fuaim  do  choise ; 
aghaidh  chiiiin  na  mara  ann  am  feath 
grianach  aig  a'  mhuir-lan,  agus  beucaich 
uamhasach  a'  chuain  an  uair  a  sheideas 
gaillionn  agus  a  bhios  na  tonnan  a'  slacadh 
's  a'  sloistreadh  air  creagan  is  stallachan  le 
fuaim  tairneanaich ; — sin  oighreachd  a  tha 
aig  an  duine  bhochd  cho  maith  ris  an  duine 
bheartach,  oighreachd  nach  bi  gu  brath 
gann. 

Ach.  ged  is  maith  an  oighreachd  so  tha 
oighreachd  as  fhearr  ann,  an  gaol  a  tha  aig 
daoine  eile  ort  agus  an  gaol  a  tha  agad  orra ; 
gaol  fir  air  a  mhnaoi  agus  gaol  mnatha  air  a 
fear;  gaol  pharantan  air  an  cloinn  agus 
gaol  cloinne  air  am  parantan  agus  air  each 
a  chejle ;  cha  duine  bochd  no  duine  onrachd- 
ach  duine  air  bith  air  a  bheil  gaol  agus  a 
tha  a'  tabhairt  gaoil.  Co  dhuibh  a  tha  ann 
gaol  do  d'  leannan,  no  d'  ad  mhathair,  no 
d'  ad  dhtithaich,  no  eadhon  d'  ad  chii,  tha 
cumhachd-tearnaidh  ann  an  gaol,  oir  is 
Gradh  Dia,  agus  far  a  bheil  gaol  an  sin  tha 
anail  bheag  air  choreigin  de  bheatha  agus 
de  nadur  Dhe.  Cho  fad  's  a  tha  gaol  ann  an 
cridhe  duine  tha  n-eigin  ann  leis  an  urraimi 
Facal  agus  Spiorad  an  Tighearna  bruidhinn 
ris  agus  a  tharruing. 

Ach  an  oighreachd  as  fhearr  uile  gu  leir, 
tha  i  againn  ann  an  Criosd,  a  thug  dhuinn 
maitheanas  ar  peacaidhean,  agus  naomh- 
achadh  tre  chreideamh, '  leis  am  bi  sinn  air 
ar  deanamh  iomchuidh  air  comh-phairt  a 
bhi  againn  ann  an  oighreachd  nan  naomh 
's  an  t-solus.  Sin  an  oighreachd  a  tha  neo- 
thruaillidh  agus  nach  searg  as.  ■ 

A'  tomhas  do  bhriathran. 

Ged  nach  bu  mhaith  learn  a  r^dh  gur  coire 
e  ann  am  fear-labhairt  a  bhi  riaghailteach 


agus  measarra  agus  firinneach  (gu  leud  na 
roinneig)  'n  a  chainnt,  faodaidh  duine  dol 
thar  na  cailce  eadhon  ann  a  bhi  a'  tomhas 
a  bhriathran,  coltach  ris  a'  mhinistear  a 
thubhairt  'n  a  shearmon,  "  Mur  dean  duine 
aithreachas,  mar  gu'm  6'  eadh,  agus  mur  bi 
e  air  iompachadh  ann  an  tomhas,  agus  mur 
cuir  e  ciil  ri  sheann  pheacaidhean  ann  an 
seagh,  'se  sin  ri  radh,  mur  tionndaidh  e  o'n 
olc  a  rinn  e,  ma  rinn  e  olc,  faodaidh  mi  a 
radh  ann  an  ddigh  fhior  gu  bheil  an  duine 
sin  air  a  dhiteadh  cheana,  no  co  dhiubh  nach 
'eil  e  fhathast  air  a  thearnadh,  mar  gu'm 
h'  eadh.'' 

Cha  b'  ann  mar  sin  a  bhiodh  na  f^idhean 
a'  labhairt ;  theireadh  iadsan  gun  dol  a  null 
no  nail,  "  Th^inig  facal  an  Tighearna  'g  am 
ionnsuidh,  agus  mar  so  tha  an  Tighearn  ag 
radh.  Pill  thusa " 

Anns  a'  chtibaid  tha  doigh-labhairt  nam 
faidhean  moran  na's  freagarraiche  agus 
moran  na's  cumhachdaiche  na  doigh-labhairt 
nam  feallsanach,  nach  urrainn  dad  a  radh 
gun  do  chur  'n  ad  earalas  gun  an  togail  cearr. 
An  uair  a  chluinneas  tu  duine  air  bith  a' 
labhairt  mar  so,  "  Tha  mi  an  dull  nach  'eil 
e  dana  dhomh  a  radh,  ged  a  dh'  fhaodas  mi 
a  bhi  air  mo  mhealladh,  gu  bheil  rudeigin 
de'n  fhtrinn,  mar  gu'm  b'  eadh,  ann  am 
beachdan  dhaoine  a  tha  air  leam  gun  eolas, 
no  ma  dh'  fhaodas  mi  a'  radh  gun  oilbheum 
a  thoirt  dhaibh,  aineolach  air  nithean  ma 
dh'  fhaoidte " 

C  ainm  a  theireadh  tu  ris  ? 

An  sgoinn. 

Ann  an  leabhar  a  sgriobh  Rider  Haggard 
mu  obair  an  fhearainn  ann  an  Deri  mark  tha 
e  ag  innseadh  cho  ciiramach  's  a  tha  cuid 
de  na'tuathanaich  a  tha  a'  reic  bainne  nach 
teid  dad  a  dholaidh.  An  uair  a  tha  na 
measraichean  bainne  air  am  falamhachadh, 
tha  am  beoil  air  an  cur  fodhpa  ann  an  aite 
a  ghlacas  a  h-uile  boinne  a  shileas  asda, 

Ann  an  aon  aite,  bha  cudthrom  dheich  is 
ceithir  fichead  punnd  de  bhainne  air  a 
shabhaladh  a  h-uile  latha.  Tha  gallan  bainne 
mu  dheich  puinnd  ann  an  cudthrom,  air 
chor  agus  gu  robh  am  fear  a  bha  cho  ciiram- 
ach uime  a'  faotainn  naoi  gallain  's  an  latha 
a  bharrachd  air  na  gheibheadh  e,  mur 
cruinnicheadh  e  am  fuigheall  a  bha  anns  na 
measraichean. 

Theireadh  duine  gun  sgoinn  nach  b'  fhiach 
dha  na  dileagan  a  bha  air  am  f  agail  anns  na 
soithichean  a  chruinnicheadh,  agus  gu'm 
faodadh  e  leigeadh  leis  na  coin  agus  na  cait 
an  imlich,  ged  a  chuireadh  e  ionghnadh  a 


AK;  an  niJNN^KTC-KnOCHAN-BUlRN 


5 


c]iridli,e  air  ciamar  a  bha  au  duhio  oile  a' 
soirbheachadh  agus  e  fein  a'  dol  an  coinn- 
eamh  a  chtiil.  Ach  is  e  rudan  beaga  de'n 
t-seorsa  so  a  dh'  innseas  dhuit  c'  aite  a 
bheil  an  sgoinn  agus  cion  na  sgoinne ;  a  ni 
am  miighadh.  eadar  a  bhi  buannachd  agus  a 
bhi  call. 


Cha  bhi ,  coig  mionaidean  fada  a'  dol 
seacbad,  ach  ma  chailleas  duine  coig  mionaid- 
ean d'a  uine  a  h-uile  latha  tha  e  a'  call  deich 
uaire  fichead  a  h-uile  bliadhna ;  agus  ma 
ruigeas  e  tri  fichead  's  a  deich,  caillidh  e 
seachd  is  ceithir  fichead  latha.  Tha  a 
bheatha  air  a  giorrachadh  tri  miosan. 


Brochan-btiirn 


Gatrlona  Ghrannd 


THA  e  air  a  radh  gur  e  na  h-Albannaich  is 
na  h-Eadailtich,  agus  na  Roumanaich,  na 
tri  cinnich  's  an  Roinn-Eorpa  a  tha  tighinn 
bed  air  brochan,  's  e  sin  ri  radh,  aig  a  bheil 
brochan  mar  Ion  lathail,  agus  an  cuid  mhor 
an  aite  arain. 

Ach  tha  dream  eile,  thall  's  a  bhos  air 
feadh  nan  rioghachdan,  aig  am  bheil  brochan 
aig  gach  trath,  agus  aig  nach  'eil  builionn  a 
dh'aran  cruithneachd  air  a'  bhord  la  sam 
bith  eadar  da  cheann  na  bliadhna.  Is  iad  sin, 
sluagh  Ober-steier-marc,  dltith  air  Vienna, 
ceann-bhaile  na  h- Austria,  pobull  Charintia, 
agus  luchd-aiteachaidh  na  Tirol  an  iomadh 
cearn, 

Tha  muinntir  Ober-steier-marc  a'  bleith 
nan  cnothan-faibhil  (beech  nuts)  agus  a' 
deanamh  brochain  de'n  mhin,  agus  'g  a 
ghabhail,  le  bainne  plumaichte,  an  da  chuid 
moch  is  anmoch.  Aig  meadhon-latha  tha  iad 
'g  a  ghabhail  le  brot,  no  feoil.  'S  e  sterts  a 
their  iad  ris. 

Tha  brochan  's  an  Eadailt  air  a  dheanamh 
de  mhin  Innseanaich.  'S  e  polenta  their  iad 
ris. 

Thachair  e  gu  'n  d'  thug  mo  ghnothach  mi, 
o  chionn  aireamh  bhliadhnachan,  do  na  diith- 
channa  sin,  an  ear-dheas  na  Roinn-Eorpa, 
agus  bha  toil  agam  am  brochan  aca  a  bhlasad. 
Dh'  iarr  mi  a  thoirt  domh  air  an  doigh 
abhaisteach.  An  aite  fhaighinn  's  a'  mhad- 
uinn,  le  bainne,  mar  a  bha  fiughair  agam, 
b'  ann  aig  am  dinneir,  leis  an  fheoil  a  chuir- 
eadh  air  a'  bhord  am  polenta.  Cha  robh  e 
cho  tais  ri  brochan  min-choirce,  mar  is 
abhaist  duinn  fhaighinn.  Bha  e  air  a 
thionndadh  a  mach  air  truinnseir,  as  an 
t-soitheach  's  an  robh  e  an  toiseach,  agus 
b'  ann  leis  an  sgithinn  a  ghearr  mi  bloigh 
dheth.  Chord  e  rium  mar  nach  b'  olc.  Tha 
mi  a'  creidsinn  gu'm  fasainn  toigheach  air 
ri  iiine. 

Goirid  'n  a  dheidh  sin  chunnaic  mi  luchd- 
duthcha  Roumania  a'  suidhe  sios  gu'm 
biadh.    Bha  mu  dha-fhichead  a  dh'  oigridh 


as  na  criochan  beanntach  air  tearnadh  do  'n 
chomhnard  gus  na  f  ion-dhearcan  a  thrusadh. 
Cha  robh  iad  a'  faotainn  ach  da  thr^th  's  an 
latha,  a'  cheud  trath  aig  da-uair-dheug,  agus 
an  dara  trath  aig  se  uairean,  an  deidh  sgur 
d'  an  obair.  B'i  bean  fear-gleidheadh  an 
fhion-lios  a  dh'  uUaich  am  biadh,  agus  a 
sgaoil  an  da  bhord  taobh  a  mach  an  tighe. 

B'  iad  an  da  bhord,  le  deich  de  'n  luchd- 
trusaidh  air  gach  taobh,  da  leth  de-  stoc 
fhada  ghiubhais  a  bha  air  a  sgoltadh  o 
cheann  gu  ceann.  Bha  iad  air  an  leagadh 
air  an  lar,  leis  an  taobh  mhin  an  uachdar. 
Mar  sin  cha  robh  feum  air  cathraichean. 

Aig  an  da  thrath  bha  feoil,  cal,  no  tuirneap 
bhruich,  agus  truinnsear  brot  an  t-aon,  air 
an  cur  sioS ;  le  deagh  sgonn  mamaliga,  an 
aite  arain,  laimh  ris  gach  truinnsear,  do'n 
luchd-oibre. 

B'  ann  de  mhin-Innseanaich,  air  a  bleith 
na  bu  ghairbhe  na  's  an  Eadailt,  a  bha  am 
brochan  sin  air  a  dheanamh.  'S  e  coirce- 
turcach  a  theirear  ris  a'  choirc-Innseanach, 
air  tir-mor  na  Roinn  Eorpa.  Bha  am  brochan, 
a  reir  coltais  a'  cordadh  ris  a  mhuinntir  oga 
sin,  oir  cha  robh  mir  air  f hagail  deth ;  bha 
iad  laidir,  fallan,  sunndach  aig  an  obair, 
agus  aighearach,  ceolmhor  an  deidh  sgur. 

Ach  's  e  am  brochan  Albannach,  brochan 
na  min-choirce,  d'  am  bheil  an  cliu  air 
sgaoileadh  gu  iomall  an  domhain.  Tha 
moran  de  na  Sasunnaich  air  tionndadh  ris. 
Gheibhear  e  mar  cheud  biadh-maidne  air  na 
bataichean  briagha  againn,  a  tha  ruith  do 
gach  port  air  an  t-saoghal. 

Tha  min-choirce  Dhun-eideann  agus  lonar- 
air  a'  dol  a  dh'  Africa  mu  Dheas,  a  chuniail 
brochain  ris  na  h-Albannaich  a  tha  an  sin. 
Tha  e  air  a  chur  am  bocsaichean  a  dh' 
iarann-geal  a-  chumas  mu  thuaiream  clach 
mhine. 

Tha  muinntir  Astralia  a'  faighinn  na 
min-choirce  a  taobh  deas  New  Zealand. 
Tha  iad  'ga  measgadh  le  min-chruithneachd ; 


(5 


jSRrxJHAN^BTiTBN— ANNS  V  rift AtttA  fit 


tha  led  gu  'm  taheil  i  ro  laidir,  tetk  aii'  son 
na  fala,  leatha  fhein.  Tha  iad  a'  gabhail  a 
bhrochain  le  siiicaar  air,  cho  math  ri  baiiuie. 

Bha  linn  ann,  ach  tha  i  air  dol  thairis, 
anns  an  do  thogadh  na  h-Albannaich,  an 
ciiid  mhor,  air  a'  bhrochan.  Tha  an  sean- 
fhacal  fath.ast  air  aithris  's  an  Taobh- 
tuath, — 

Lit  is  lagan  biadh  duine  laidir ; 
Aran  is  caise  biadh  duine  lag : — 

Bha  sin  a'  ciallachadh  gu  'n  cumadh  brochan, 
no  cabhruich,  le  bainne,  beatha  gu  fallain 
ann  an  duine;  b'e  ailghios,  no  laigse,  a 
bheireadh  air  duine  biadh  eile  a'  mhiannach- 
adh;  cha  sireadh  e  eadhon  aran  no  caise, 
nithe  nach  dean  daoine  as  eugmhais  's  na 
laithean  againne. 

B'  e  brochan  anns  an  seasadh  an  spain  a 
bhiodh  aca  's  an  am  sin;  brochan,  mar  a 
gheall  an  tuathanach  do  'n  sgalaig  an  uair 
a  chuir  e  muinntearas  air,  "brochan  nach 
toireadh  an  lair  ghlas  a  casan  as." 

Ach  bha  tuilleadh  na  aon  seorsa  brochain 
againn  's  a'  Ghaidhealtachd.  Cha  b'e  brochan- 
biiirn  a  bha  againn  daonnan.  Tuigear  sin 
air  a'  chronan  aig  a'  bhanaltruim  a'  cur  an 
leinibh  a  chadal : — 

Brochan  buirn,  brochan  buirn, 
Brochan  biiirn  gheibh  mo  leanabh ; 
JSTuair  a  bheireas  an  crodh-laoigh 
Gheibh  mo  ghaol  brochan-bainne : — 

Tha  cuimhne  agam  air  a'  bharail  ard  a 
ghabh  fear-oibre  araidh  air  fialaidheachd  mo 
mhathar,  a  chionn  gu'n  d'thug  i  dha 
"  brochan-bainne,  agus  bainne  leis  !  "  Cha 
d'  fhuair  e  a  leithid  riamh  roimhe. 

An  uair  a  dh'iarr  ar  sean  Bhan-righ 
ghaolach  nach  maireann  brochan  f  heuchainn, 
a'  cheud  uair  a  thainig  i  do  'n  Ghaidhealtachd, 
dhiult  i  uachdar  a  ghabhail  leis  :  "  Chan  'eil 
feum  aige  air,"  ars  ise,  "tha  e  math  gu  leoir 
as  eugmhais."  Cha  b'  ionnan  's  iadsan  nach 
urrainn  a  ghabhail  gun  siucar  cho  math  ri 
bainne. 


B'  c  brochan-meig  a  bu  docka  leaMfcia,  g'd 
sonruichte  na  'm  biodh  car  beag  's  a  mheog. 
An  uair  a  bha  sinn  'n  ar  cloinn,  bhiodh  e 
againn  a  h-uile  feasgar,  fhad  's  a  bha  an 
caise  'ga  dheanamh.  Nuair  a  thachradh 
mule  de'n  ghruth  oirnn  's  a'  bhrochan, 
bheireamaid  glaodh  toileachaidh,  agus  noch- 
damaid  e  d'a  cheile. 

B'e  dubh-bhrochan  a  rachadh  a  thoirt  duinn 
na  'm  biodh  fuachd  againn.  'S  e  sin,  deoch 
thana,  air  a  bhruich  gun  a'  mhin-choirce  a 
fhliucheadh  roimh-laimh  le  bainne. 

Tha  brochan  air  a  dheanamh  corr-uair  le 
bainne-goirt ;  aon  chuid  gu  cail  duine  a 
thoirt  air  ais  ;  no  gu  muineal  goirt  a  ghlanadh 
's  a  leigheas. 

Bha  aon  seorsa  eile  ann  de  bhrochan  na 
min-choirce,  am  brochan  a  bha  air  a  dhean- 
amh de  mhin  a  bha  air  a  bleith  leis  a'  bhrath. 
Bha  e  air  leth  mills  agus  blasda. 

Bha  an  siol  air  a  chruadhachadh  ann  am 
poit  OS  cionn  an  teine.  An  sin  bha  e  air  a 
shuathadh,  a  thoirt  na  cath  dheth,  agus  air 
a  bhleith  leis  an  laimh  's  a'  bhrath.  B'e  na 
mnathan,  am  bitheantas,  a  bhiodh  'g  a 
bhleith.  Theirteadh  brochan-brathann  ris 
an  Earra-ghaidheal,  ach  anns  an  Taobh 
Tuath  theireadh  iad  ris  brochan-uaraidh. 
'S  e  brochan-tioraidh  a  theirteadh  ris  a' 
bhrochan  a  bha  air  a  dheanamh  de  mhin- 
choirce  an  t-sil  a  bha  air  a  chruadhachadh 
air  an  ath,  agus  air  a  bhleith  anns  a' 
mhuileann. 

Brochan-tioraidh ;  brochan  tioraidh ; 
Brochan-tioraidh  do  mhac^mor  ! 
Gu'm  bu  laidir ;  gu'm  bu  laidir, 
Lan  a  mhaileid  do  mhac-mor  ! 

Tha  an  tea,  aran-cruithneachd,  rudan 
mills,  agus  annasan  a  tirean  cein  air  caochladh 
mor  a  dheanamh  a  thaobh  Ion  lathail  sluagh 
na  h-Alba.  Ach  tha  dochas  agam  nach  bi 
sinn  gu  brath  air  cho  beag  ceill  's  gu'n  cuir 
sinn  cill  ri  biadh  glan,  fallain,  neartmhor  ar 
duthcha,  's  e  sin  brochan-buirn  na  min- 
choirce. 


Anns  a'  Chathair 


Ni  leanabh  beag  an  stiuradh. — Isaiah  xi.  6 

Ge  be  aite  anns  am  bheil  bhur  n-ionmhas  is  ann  an  sin  a  bhitheas  'ur  cridhe  mar  an  ceudna. 

— Mata  vi.  21 


THA  e  duilich  a  radh  ciod  an  doigh  anns  a 
bheil  Spiorad  an  Tighearn  ag*  oibreachadh 
ann  an  cridheachan  dhaoine,  no  ciod  a  tha 
aig  Dia  anns  an  t-sealladh  an  uair  a  tha  a 
fhreasdal  ag  oibreachadh  ann  an  doighean 
cruaidh   'n  am  beatha,  ma's  e  a  flueasdal 


a  tha  ag  oibreachadh.  Their  moran  dhaoine 
nach  'eil  dearbhadh  sana  bith  againn  gu 
bheil  rtm  sonruichte  aig  Dia  anns  an  t-seall- 
adh an  uair  a  tha  ar  crannchur  air  a  luigheas- 
achadh  dhuinn.  Theagamh  nach  gabh 
dearbhadh  a  bhi  air  fhaotainn  anns  a'  chuis 


AJmS  A'  CHATHAin 


so,  ach  faodaidh  cinnt  a  bhi  againn  gun 
dearbhadh.  A  thaobh  nithean  spioradail 
chan  fhaigh  neach  gii  brath  dearbhadh  as 
laidire  na  a'  cbinnt  a  tha  aige  'n  a  anam  fein. 
Tha  mise  a'  creidsinn  le  m'  uile  chridhe  gu 
bheil  Dia  a'  fiosrachadh  dhaoine  le  amhgharan 
a  tha  searbh  aig  an  am  air  ghaol  an  aire  a 
tharruing  air  falbh  o  nithean  nach  'eil  ach 
aimsireil  agus  suarrach,  agus  an  creidheachan 
a  shocruchadh  air  na  nithean  a  tha  siorruidh, 
agus  anns  an  aireamh  so  bu  mhaith  learn 
naidheachd  innseadh  mu  thuathanach  son- 
ruichte ;  naidheachd,  tha  mi  an  diiil,  aig  a 
bheil  buintealas  ris  a'  phuing  so. 

B'e  ainm  an  tuathanaich,  Artur  Young, 
ghiubhail  e  an  1820,  agus  shiubhail  an  duine 
mu  dheireadh  d'a  theaghlach  an  1896. 

Co  ris  a  their  thu  tuathanach  maith  ?  An 
ann  ris  an  f  hear  as  mo  a  bheir  de  bharr  as  an 
talamh,  no  ris  an  fhear  as  mo  a  bheir  de 
bhuannachd  dha  fhein  as,  no  ris  an  fhear 
as  mo  a  chuireas  maitheachadh  anns  a' 
ghrunnd  ? 

Ged  nach  do  chuir  a  thuathanachd  airgiod 
ann  am  poca  Artuir  Young  cha  b'e  an 
t-aobhar  nach  b'  aithne  dha  a  ghnothuch, 
ach  gu'n  robh  barrachd  iiidh  aige  ann  am 
maitheachadh  an  fhearainn  na  bha  aige  ann 
an  airgiod ;  agus  barrachd  uidh  ann  a  bhi 
a'  sgriobhadh  leabhraichean  mu  dhoighean 
lira  a  fhuair  e  a  mach  air  a  chosdus  fhein, 
leabhraichean  a  theagaisg  do  thuathanaich 
eile  anns  na  linntean  'n  a  dheidh  iomadh 
seol  air  fearann  a  mhaitheachadh,  agus  a 
theagaisg  dhaibh  cuideachd  am  beo-shlaint 
a  thoirt  as  an  talamh.  Ach  cha  d'  thug  e 
fhein  a  bheo-shlaint  as  an  talamh,  agus  air 
a'  cheann  mu  dheireadh  b'  fheudar  dha  stad 
de'n  tuathanachd  agus  dreuchd  a  ghabhail 
ann  an  seirbhis  an  Riaghaltais,  tearmunn 
na  feadhnach  nach  do  shoirbhich  aig  obair 
eile.  Fhuair  e  a  bhi  'n  a  Ard-Chleireach  aig 
Bord  an  Fhearainn  an  Sasunn. 

Bha  e  'n  a  dhuine  laghach,  suairc ;  baigheil 
ri  coigrich,  ach  ged  bha  e  furasda  dha 
deanamh  suas  ri  coigrich,  co  dhiubh  a  bha 
annta  Frangaich,  no  Polaich,  no  Ruiseanaich, 
no  Suainich,  no  Eadailtich,  cha  b'  ann  do 
choigrich  a  thug  e  am  fion  a  b'  fhearr  ach' 
d'a  chuideachd  agus  d'a  theaghlach  fhein, 
agus  'n  a  theaghlach  fhein  b'e  Marta,  a' 
chaileag  a  b'oige,  annsachd  a  chridhe.  Ged 
b'e  Marta  a  h-ainm-baistidh ,  b'e  Bobbin  am 
peat -ainm  a  bha  aig  a  h-athair  oirre,  agus 
cho  fad  's  a  bha  i  beo  cha  robh  la  no  oidhche 
d'a  bheatha  nach  robh  Bobbin  'n  a  smuaintean 
agus  'n  a  bhruadair. 

Shiubhail  i  an  uair  a  bha  i  ceithir  bliadhna 
deug  a  dh'  aois.     B'e  a  bas  a'  bhuille  a  bu 


ghoirte  a  fhuair  e  riamh,  ach  o'n  la  a  shiubhail 
i  bha  cridhe  Artuir  Young  maille  rithe  ann 
an  neamh.  Anns  a'  cheud  chuid  d'a  bheatha 
bha  barrachd  uidh  aige  ann  am  feoir  na  bha 
aige  ann  an  Dia  no  ann  an  creideamh,  ach 
an  deidh  dha  Bobbin  a  chall  bha  Dia  agus 
neamh  'n  a  smuaintean  uile. 

Chan  urrainn  sinne  a  radh  car  son  a  tha 
Dia  a'  deanamh  sud  no  so,  ach  nach  fhaod 
e  a  bhith  gu'n  do  dhealaich  e  Bobbin  agus 
a  h-athair  anns  an  t-saoghal  so  chum  gu'n 
connicheadh  iad  ann  an  neamh,  agus  gu'n 
robh  am  facal  so  air  a  choimhlionadh  'n  a 
fhiosrachadh,  "  Far  am  bheil  'ur  n-ionmhas 
is  ann  an  sin  a  bhifheas  'ur  cridhe."  "An 
ni  so  a  tha  mi  a'  deanamh  chan  aithne  dhuit 
an  trath-sa,  ach  bithidh  fi,os  agad  air  an 
deidh  so."  _ 

Chan  'eil  an  tarruing  a  tha  aig  neamh  air 
cridheachan  dhaome  ach  lag  agus  farm  gus 
an  teid  neach  air  chor-eigin  air  a  bheil  gaol 
aca  a  steach  do'n  t-saoghal  eile.  Chan  ann 
le  solus  na  h-inntinn  ach  le  cumhachd  a' 
ghraidh  a  tha  sinn  a'  faotainn  dearbh-chinnt 
air  na  nithean  nach  faicear.  Tha  cumhachd- 
saoraidh  agus  cumhachd-foillseachaidh  ann 
an  gradh  daonnan,  co  dhiubh  a  tha  ann  gaol 
athar  no  mathar  do  leanabh,  no  gaol  fir  d'a 
leannan,  no  gaol  duine  d'a  charaid.  Rinn 
an  gaol  a  bha  aig  Artur  Young  air  Bobbin 
a'  stiuradh  gu  Dia. 

Uair  a  bha  e  ann  am  Florence,  anns  an 
Eadailt,  sgriobh  e  mar  so  gu  te  d'a  nigheanan, 
an  te  bu  shine :  "  Fhuair  mi  do  litir  air  an 
t-seachduin  so  agus  da  litir  bho  do  mhathair, 
ach  cha  robh  aon  fhacal  mu  Bhobbin  ann  an 
gin  dhiubh.  Nach  b'e  sin  an  doigh  air 
sgriobhadh  gu  athair  a  tha  ceithir  cheud 
deug  mile  o  dhachaidh  !  " 

Bha  Bobbin  ann  an  sgoil  an  Lunnainn  an 
uair  a  bhuail  galair  a  bais  i.  Cho  luath  's  a 
chual  iad  gu  robh  i  tinn  chaidh  a  h-athair 
do  Lunnainn,  ach  ged  a  thug  e  dotair  as 
deidh  dotair  'g  a  faicinn,  cha  b'  urrainn 
dhaibh  dad  a  dheanamh  air  a  son,  is  shiubhail 
i  an  u.ine  ghoirid. 

"  Tharruing  mo  leanabh  gaolach,"  sgriobh 
e  'n  a  leabhar-la,  a  h-anail  dheireannach 
beagan  mhionaidean  an  deidh  aon  uair  air 
maduinn  Di-haoine.  Bha  mi  air  mo  ghluinean* 
ri  taobh  a  leapa,  agus  mo  chridhe  gu  sgaine- 
adh.  "Athair,"  ars  ise  ann  an  guth  fann, 
"  deanaibh  urnuigh  air  mo  shon."  Thubhairt 
mi  rithe  gu  robh  mi  'g  a  dheanamh  sin. 
"  Deanaibh  iirnu^'gh  an  so  fhein,"  ars'  ise. 
An  sin  dhoirt  briathran  agus  athchuingean 
briste  o  m'  bheul,  agus  gun  fhios  agam  gu 
ro  mhaith  ciod  a  bha  mi  ag  radh.  Phaisg 
ise  a  lamhan  mar  b'abhaist  i  a  dheanamh, 


ANNS  A'  CHATBAIR 


agus  an  uair  a  chriochnaich  mi  thubhairt  i 
Amsn.  B'e  sin  am  facal  mu  dheireadh  a 
labhair  i.  Creutair  eile  cho  milis  rithe,  no 
cho  tuigseach  rithe  aig  a  h-aois  chan  fhaca 
mi  riamh.  Tha  am  fiosrachadh  so  searbh 
searbh.,  ach  ged  nach  leir  dhomh  ruintean 
Dhe  feumaidh  mi  striochdadh.  d'a  thoil.  Ach 
tha  mo  chridhe  briste  ag  ionndrainn  Bhobbin. 
Is  e  an  aon  chomhfhurtachd  a  tha  agam  gu 
bheil  i  a  nis  ann  an  neamh,  agus  gu  bheil 
dachaidh  shiorruidh  aice  a  tha  coltach  ri 
blaths  agus  neochiontas  a  cridhe  fhein." 

Thiodhlaic  e  i  fo'n  t-suidheachan  aige 
fhein  anns  an  eaglais,  air  eagal  gu'n  cuireadh 
obair  agus  tipraid  an  t-saoghail  as  a  chuimhne 
i.  "  Cha  bu  mhaith  learn  "  ars  esan  "  gu'n 
leighseadh  mo  chridhe  gu  brath,  no  gu'm 
faighinn  aotrumachadh  air  mo  bhron  cho 
fad  's  is  beo  mi.  Thionndaidh  bas  mo 
chaileigl  m'  aire  agus  mo  dhurachd  a  dh' 
iomisuidh  an  t-saoghail  eile,  agus  bhithinn 
sona  na'm  biodh  dochas  agam  gu'm  bithinn 
comhla  rithe  a  ris  an  uair  a  chriochnaicheas 
mi  mo  thurus  air  thalamh." 

Ged  bha  na  faireachduinean  a  bha  ann  an 
cridhe  an  duine  so  nadurra  gu  leoir,  agus 
ged  nach  bu  mhaith  leam  coire  fhaotainn 
d'a  smuaintean,  no  d'a  bhriathran  an  uair 
a  bha  a  chridhe  cho  goirt,  feumar  a  chuimhn- 
eachadh  nach  robh  a  smuaintean  a  reir 
teagasg  a'  Bhiobuill. 

(1)  Cha  robh  ann  an  neamh  do  Artur 
Young  ach  an  t-Mte  anns  an  robh  Bobbin, 
agus  is  e  an  deidh  a  bha  'n  a  chridhe  air  a 
bhi  maille  rithe  a  bha  'g  a  dheanamh  ion- 
mhiannaichte  'n  a  shuilean.  Gu  ma  fada 
bhuam-sa  a  radh  gu  robh  e  cearr  dha  na 
smuaintean  so  altrum  'na  chridhe,  ach  air  a 
shon  sin  chan  'eil  am  Biobull  a'  toirt  misneach 
air  bith  dhuinn  gu'm  bi  teaghlaicbean  a  bha 
air  an  sgaradh  o  cheile  air  thalamh  air  an 
aonadh  a  ris  ann  an  neamh.  Cha  mho  a  tha 
e  a'  toirt  bhuainn  an  dochais,  ach  tha  e  ag 
innseadh  gur  e  gloir  neimh  agus  dochas  sona 


nan  naomh  a  bhi  gu  siorruidh  maille  ris  an 
Tighearna;  chan  e  a  bhi  maille  ri  luchd-ar- 
gaoil  ach  a  bhi  maille  ris  an  Tighearna. 

'Sen  t-Uan  is  gloir  gu  siorruidh 
An  tir  Immanuel  shuas. 

(2)  Bha  de  ghaol  aig  Artur  Young  air  a 
highinn  's  gu'n  robh  gaol  aige  air  a  bhron 
fhein  agus  air  an  ionndrainn  a  bha  'n  a 
chridhe  an  deidh  a  bais.  Bha  e  mar  bha 
Rachel,  a'  gul  air  son  a  cloinne  agus  a' 
diiiltadh  comhfhurtachd,  no  mar  bha  lacob 
an  uair  a  dh'  f heuch  a  mhic  ri  comhfhurtachd 
a  tholrt  dha  agus  nach  gabhadh  e  i,  a  chionn 
gu'm  bu  mhaith  leis  dol  sios  do'n  uaigh  ri 
brdn.  Tha  cuid  de  dhaoine  a'  saoilsinn  gu 
bheil  so  'n  a  fhianuis  sholuimte  air  dilseachd 
an  gaoil  do'n  neach  nach  maireann,  ach  tha 
mise  an  dixil  nach  'eil  e  idir  a  reir  toile  Dhe 
gu'n  deanamaid  ar  laithean  uile  neo-shona  le 
gul  agus  caoidh  a  thaobh  rud  nach  gabh 
leasachadh. 

Ged  tha  Dia  air  uairean  'g  ar  stiuradh  air 
slighe  a  tha  dorcha  agus  duilich  chan  'eil  e 
ag  iarraidh  oirnn  fantuinii  arms  an  dorchadas 
gu  brath  tuilleadh ;  is  e  a  thoil  gu'n  tigeamaid 
a  mach  a  ionad  na  deuchainn  air  ar  teagasg 
agus  air  ar  soillseachadh  le  Spiorad  fein, 
agus  na's  suidhichte  na  bha  sinn  riamh  air 
buaidh  fhaotaimi  air  ar  bron  le  ar  creideamh. 
Tha  e  nadurra  do  dhaoine  a  bhi  bronach 
deurach  ag  ionndrainn  na  feadhnach  a  thug 
am  bas  bhuapa,  ach  ma  leigeas  iad  leo  fhein 
a  bhi  a'  gabhail  gaoil  air  am  bron  agus  air 
an  deoir  fhein,  tha  iad  a'  diiiltadh  leigeil  le 
Dia  e  fein  fhoillseachadh  dhaibh  mar  Dhia 
na  comhfhurtachd. 

Oir  bheathaich  thu  do  shluagh  gu  Uir 

le  aran  deur  is  brdin  ; 
Is  tomhas  saoibhir  thug  thu  dhaibh 

de  dheuraibh  goirt  r'  an  dl. 

Pill  sinn  a  ris,  a  Dhe  nam  feart, 

tog  oirrnesuus  gu  h-ard 
Deagh  dhealradh  glan  do  ghnuis  a  nis 

is  saorar  sinn  le  d'  ghras. 


Urnuigh 


A  Dhia  nan  slogh,  fo  sgail  do  sgeith, 
ar  duthaich  earbaidh  sinn ; 

Bi  thus'  ad  thearmunn  dhi  'n  a  feum 
's  ad  chobhair  re  gach  linn. 


Ar  braithrean  a  tha  'n  cunnart  bais 
a'  gleachd  air  muir  's  air  tir  ; 

Bi  dhaibh  ad  chobhair  anns  gach  cas 
's  thoir  buaidh  dhaibh  anns  gach  stri. 


0  dion  ar  cladach  o  gach  mamh, 
o  chlaidheamh  teine,  's  sgrios, 

O'n  t-saighead  ruitheas  anns  an  la 
's  o'n  phlaigh  a  thig  gun  fhios. 


Aireamh  2 


1943 


Na  Tri  Cupain 


Leis  an  Urramach  A.  S.  Moireastan,  M.A.,  an  Obar-Dheathain 

"  Ma  dh'  fhaodas  e  bhi,  rachadh  an  cupa-n  so  seachad  orjn." — Mata  xxvi.  39 
"  Thug  iad  dha  r'a,  61,  fion-geur,  measgta  le  domblas :  agiis  air  dha  a  bhlasad, 


chayi  dladh  e  e. 


-Mata  xxvii.  34 


"  Agus  air  glacadh  a'  chwpain,  agus  air  tabhairt  buidheachais,  thug  e  dhaibh  e." 

— IMata  xxvi.  27 


THA  na  seallaidhean  a  tha  againn  air  Criosd 
anns  na  h-uairean  deireannach  d'a  bheatha 
air  an  talamh.  air  leth  soluimte,  druidhteach. 
'S  ann  le  urram  agiis  le  ball-chrith  a  thigeadh 
dhuinn  a  bhi  meorachadh  orra,  ojr  annta  tha 
sinn  a'  teachd  dluth  do'n  ionad  as  ro-naoimhe 
's  an  diadhaidheachd.  Chi  sinn  fulangasan 
an  t-Slanuigheir  agus  toraidhean  priseil  a 
chosnaidh  air  an  cnr  fa  'r  comhair  fo  shamh- 
laichean  thri  cnpain ;  an  eupan  a  chuir  eagal 
air ;  an  cupan  a  dhiult  e,  agus  an  eupan  a 
lion  e  agus  a  thug  e  seachad. 

(1)  An  toiseach,  an  cupan  a  rhuir  eagal  air 
Criosd.  Ann  an  garadh  Ghetsemane  bha  e 
air  a  bhualadh  le  doilghios  gheur  spioraid : — 
"  tha  m'anam,"  deir  e,  "  ro-bhronach  eadhon 
gu  bas."  Ann  an  doruinn  nach  gabh  breith- 
neachadli  no  tomhas  ghuidh  e  gu'n  rachadh 
an  cupan  searbh  seachad  air.  Ciod  a  dh' 
aobharaich  so  ?  An  e  plan  corporra  a'  bhais 
a  chuir  geilt  air  ?  Cha  b'  e  idir,  oir  bhiodh 
e  an  sin  na  bu  mheata  na  na  miltean  de  a 
luchd-leanmhuinn  fein  a  chaidh  gu  calma 
seasmhach  an  coinneamh  a'  bhais  air  a 
sgath.  Cha  b'  e  "  righ  nan  uamhas  "  a  bha 
anns  a'  chaochladh  dheireannach  dhasan  do 
bhrigh  gu  robh  a  chridhe  gu  h-iomlan  glan. 
'S  i  a  choguis,  mar  a  tha  am  bard  ag  radh, 
a  tha  deanamh  gealtairean  dhinn  uile.  Tha 
daoine  gu  coitchionn  a'  gabhail  fiamh  roimh 
'n  bhas,  agus  roimh  na  bheil  an  taobh  thall 
de'n  bhas,  a  chionn  gu  bheil  iad  hiasganacb 
's  an  leth-stigh  a  thaobh  am  mi-iomchuidh- 
eachd.  Ach  cha  do  chuir  coguis  an-shocrach 
riamh  gath  guineach  anns  a'  bhas  do'n 
Chuspair  a  bha  uile  gu  leir  coimhlionta, 
naomh,  neo-lochdach,  gun  gho.  Tha  gun 
amharus  diomhaireachd  ann  am  fein-fhios- 
rachadh  an  Tighearna  aig  an  am.  so  anns 
nach  grunjiaich  inntinn  no  mac-meanmhuinn 
criochnaichte.  Ach  tha  e  soilleir  nach  b'e 
am  bas  ann  fein,  no  ni  a  bha  'g  a  leantuinn, 
a  chuir  athadh  air.     'S  e  chuir  eagal  air  gu 


robh  an  cupan  a  bha  fa  chomhair  loma-lan 
de  pheacadh  agus  de  chionta  an-tromaichte 
a'  chinne-daonna.  B'  e  sud  an  ni  a  thug 
crathaclh  agus  doinionn  air  cridhe  neartmhor 
treubhanta  Mac  siorruidh  Dhe,  a.gus  a  dh' 
aobharaich  dha  do-bhron.  Ach  eadhon  anns 
an  amhghar  theinntich  sin  bhuadhaich  e, 
agus  chaidh  e  air  adhart  gu  bhi  coimhlionadh 
gu  foirfe  toil  naomh  'x\thar. 

Tha  eagal  Chriosd  roimh  'n  chupan  so  a' 
toagasg  dhuinn  gu  soilleir  grainealachd  agus 
truaillidheachd  a'  pheacaidh.  Nach  maslach 
oillteil  an  ni  mallaichte  sin,  nuair  a  bhior 
e  cho  goirt  cridhe  laidir  an  Fhir-Shaoraidh  ? 
Eadhon  airsan,  an  treise  a  neirt,  thug  e  car 
tiota  fiamh  is  uamhas,  ionnas  'n  a  chruaidh- 
ghleaehd  gu  robh  'fhallus  mar  bhraonan 
moran  fola  a'  tuiteam  air  an  talamh.  Is 
mairg  a  ghabhadh  tlachd  is  toil-inntinn  anns 
a'  pheacadh  ann  an  solus  Ghetsemane.  'S 
ann  a  thilgeas  sinn  uainn  e,  le  fuath  is 
diorras  naomh,  nuair  a  dhearcas  sinn  air  a' 
chupan  a  chuir  eagal  air  Criosd. 

A  ris  tha  sinn  a'  faicinn  an  so  dilseachd 
agus  diirachd  chomharraichte  an  t-Slanuigh- 
eir.  Rinn  a  ghradh  do  'At hair  agus  do  anaraa 
siorruidh  neo-bhasmhor  treun,  seasmhach,  e 
gu  bhi  buanachadh  chum  na  eric  he.  Chaidh 
e  h-uile  ceum  de  shlighe  an  fhein-choisrigidh 
's  an  fhein-aichaidh,  agus  dh'iobair  e  e  fein 
air  son  peacadh  an  t-saoghail.  An  cupan  a 
chuir  geilt  air,  air  cho  searbh  's  cho  geur 
's  gu'n  robh  e,  dh'61  e  gus  a'  bhoinne  dheir- 
eannach. 

,(2)  'S  an  dara  aite,  an  cupan  a  dhiidt 
Criosd.  Bha  an  Tighearna  a  nis  air  a' 
chrann-cheusaidh.  Bha  e  fulang  cradh 
ro-mhor,  agus  bha  a  theanga  tioram  le 
tart.  Bha  cleachdadh  trocaireach  aig  na 
h-Iudhaich  deoch  de  fhion-geur  measgta  le. 
domblas  a  thoirt  do  gach  neach  a  bha  air 
a  cheusadh  air  son  faochadh  a  thoirt  d'a 


NA  TRI  CUPAIN 


phian,  agus"  'fhaireachadh  a  thoirt  iiaith. 
Bha  comunn  de  mhnathan-uaisle  ann  an 
lerusalem  aig  an  robh  e  mar  dhleasdanas  an 
cupan  so  a  dheasachadh,  agus  nuair  a  chaidh 
a  fhrithealadh  bha  an  aon  bhuaidh  iochd- 
mhor  aige  's  a  tha  aig  a'  chloroform  an  diugh 
air  a  mhninntir  euslan  a  tha  fo  lannsa  an 
lighiche  anns  an  tigh-eiridinn.  Chaidh  a 
thairgseadh  do  Chriosd  m'an  do  chuireadh 
na  tairngean  troimh  a  lamhan  beannaichte. 
Ach  CO  luath  's  a  bhlais  e  e  dh'aithnich  e  de 
bha  ann,  agus  dhiult  e  61. 

Cha  b'e  gu'n  do  rinn  e  tair  no  dimeas  air 
coibhneas  agus  co-fhaireachduin  na  muinntir 
a  dh'ulluich  e.  Agus  cha  mho  a  b'e  gu'n  do 
mheas  e  gu  bheil  eifeachd  shonruichte  ann 
am  fulangas  ann  fein.  So  an  ni  a  ghhiais  e, 
bha  an  cupan  socraeh  so  a'  dol  a  chur  casg 
air  obair  mhor  an  tearnaidh  m'an  robh  e 
criochnaichte.  Ged  bu  bheag  a  reir  coltais 
an  ni  e,  bhacadh  e  Criosd  bho  bhi  'n  a 
Shlanuigbear  uile-fhoghainteach  agus  uile- 
fhi-eagarrach  do'n  t-saogha].  B'  e  so  rathad 
goirid  a  dh'ionnsuidh  a'  chinn-uidhe,  ach 
cha  b'ann  air  sb'ghe  fhurasda,  mhin,  sam 
bitb  a  ruigeadh  esan  tighearnas  spioradail 
a'  chruinne-ce. 

Air  an  aobhar  sin  cha  ghabhadh  e  cungaidh- 
chadail  air  bith  trid  an  cailleadh  e  a  mhoth- 
achadh  anns  na  h-uairean  mu  dheireadh  d'a 
fhulangas.  Bha  obair  mhor  aige  ri  dheanamh 
f  hat  hast  mus  tug  e  suas  an  deo — an  gaduiche 
a  rinn  aithreachas  a  thearnadh  gu  gloir 
shiorruidh,  agus  maitheanas  iarraidh  air  son 
a  naimhdean.  Gu  h-araidh  cha  b'e  ni  faoin, 
briste,  a  bh'ann  an  slainte  spioradail  dhaoine 
ach  ni  Ian,  uasal,  saoibhir,  agus  bha  e  do 
sheachainte  feumail  gu'm  biodh  a,  bhuadhan 
uile  ann  an  cleachdadh  gu  bhi  'g  a  chosnadh. 
Cha  b'e  bloigh  obair  a  bha  ann  an  obair  an 
tearnaidh,  ach  obair  fhoirfe,  choimhlionta, 
iomlan.  B'e  smior  an  t-soisgeil,  gun  fhios 
dhaibh  fein,  a  bha  aig  an  luchd-fochaid 
nuair  a  thubhairt  iad  "  Shaor  e  daoine  eile 
e  fein  a  shaoradh  ni'n  comasach  e." 

Na'm  biodh  e  air  e  fein  a  shaoradh  leis  a' 
chupan  so  61,  cha  bhiodh  e  freagarrach  no 
iomchuidh  a  bhi  'n  a  Shlanuighear  do  pheac- 
aich.  Ach  do  bhrigh  gu  'n  do  dhiiilt  e 
faochadh  is  fuasgladh  air  a'  Chrann,  tha  e 
comasach  air  a  bhi  tearnadh  gus  a'  cheum 
as  fhaide  mach  a  h-uile  neach  a  thig  a 
dh'ionnsuidh  T)he  trid-san.  Cha  robh  sgod, 
no  beum,  no  smal  's  an  iobairt-reite  a  thug 
Criosd  suas  air  son  cionta  a'  chinne-daonna. 
Mar  ofrail  iomlan  thug  e  a  spiorad  seachad 
do  lamhan  Athar,  gun  sgle6.  gun  neul,  agus 
Je  uib  bhuadhan  reusauta  's  an  tabhartas 


naoimh.  Mar  thoradh  air  gu'n  do  dhitilt  e 
an  cupan  so  ghlaodh  e  le  buaidh-chaithream 
air  a'  Chrann-cheusaidh  "  Tha  e  crioch- 
naichte." 

(3)  Fadheoidh,  an  cupan  .a  lion  Criosd  's 
a  thug  e  d'a  shluagh.  'S  an  oidhche  's  an  do 
bhrathadh  e  chuir  e  Sacramaid  na  suipeir 
air  chois.  Chuir  e  brigh  is  suispinn  ro- 
slioluimte  's  a'  chupan  nuair  a  thubhairt  e 
gu'm  b'e  so  an  tiomnadh  nuadh  'n  a  fhuil 
fein  a  dh6irtear  air  son  mhoran.  Ann  a  bhi 
'g  a  61  bha  a  dheisciobuil  gu  bhi  gu  deireadh 
tim  a'  cumail  cuimhne  air  a  bhas. 

'S  e  ar  Tighearn  an  aon  neach  am  measg 
iiile  chinn-iiiil  agus  chinn-feadhna  an  domh- 
ain  a  dh'orduich  a  leithid  so  de  chuimh- 
neachan  air  fein.  Tha  fear-eachdraidh  ag 
aithris  gu'm  fac  e  's  an  dara  linn  aig  tigh 
ann  am  baile  Chaesarea  dealbh  snaidhte 
anns  am  bheil  Criosd  air  a  nochdadh  a' 
sineadh  a  mach  a  lamh  gu  bhi  leigheas  bean 
a  tha  cromadh  sios  aig  a  chasan.  B'e  so  a 
reir  choslais  an  cuimhneachan  a  shuidhich 
a  bhean  air  an  robh  an  d6rtadh  fola  air  a 
ghniomh  ghrasmhor  leis  an  do  shlanuich  am 
Fear-Saoraidh  i.  'S  iomadh  neach  crabhach 
eudmhor  cosmhuil  rithe  a  shaoileadh  freag- 
arrach cuimhne  a  chumail  air  Criosd  tre  a 
chliii,  no  tre  a  theagasgan  brioghmhor 
tomadach,  no  tre  a  bheartan  miorbhuileach. 
Ach  cha  b'ann  tre  ni  air  bith  dhiubh  sin  a 
dh'aithn'  e  fein  gu'm  biodh  e  air  a  chui- 
mhneachadh,  ach  tre  ar  bhas.  'S  ann  tre  a 
bhas  a  mhain  a  thainig  na  cumhachdan 
buadhmhor  a  bha  air  an  tasgadh  suas 
ann-san  gu  buil  agus  abachadh  air  son 
tearnadh  anama  :  rinneadh  _  uile  fheartan 
eifeachdach  tre  iobairt-reite.  Air  an  aobhar 
sin  b'e  suispinn  iarrtus  aig  an  am  ud  "  Nuair 
a  bu  mhiann  leibh  smuaineachadh  ormsa, 
amhaircibh  air  Calbhari."  "  Olaibh  uile 
de'n  chupan  a  lion  mi." 

Air  feadh  gach  linn  slor-chuimhnichibh, 
mor-shaoibhreas  m'iochd  's  mo  ghrais. 

So  seul  a'  cMimhnanf  ni  mi  ruibh, 
is  cuimhneachan  mo  bhais. 

Tha  againn  anns  a'  chupan  chan  e  mhain  cui- 
mhneachan ach  aobhar  bas  an  Tighearna 
gu  soilleir  air  a  chur  an  ceill.  A  reir  a 
bhriathran  fein,  b'e  so  ach  samhladh  fhala 
a  dhoirtear  air  son  maitheanas  peacaidh. 
Tha  an  cupan  a'  toirt  fior  bharantas  do 
gach  creidmheach  gu  bheil  a  lochdan  air 
an  toirt  air  falbh  agus  a  ch^ont  air  fholach 
ann  an  cuan  di-chuimhne  Dhe.  Tha  binn 
an  ditidh  air  a  thogail  o'n  choguis  tre 
airidheachci   obair   clwiochuaichte   Chriosd. 


NA  .TRI  CUPAIN— DOMHNULL  DOMHJS^ULLACH  NACH  MAIREANN 


"  Anh-san  tha  againn,"  deir  an  t-Abstol, 
"  saorsa  tre  fhuil-san  eadhon  maitheanas 
nam  peacadh,  a  reir  saoibhreas  a  ghxais.'' 

A  ris  tha  an  Tighearna  an  so  a'  taisbeanadh 
an  aonachd  neo-sgaraichte  a  tha  eadar  e  fein 
agus  a  shkiagh.  Le  bhi  cur  a'  chupain 
bheannaichte  so  'n  ar  lamhan  tha  e  'g  ar 
ceangal  ris  fein  le  bannaibh  naomha  nach 
gabh  bristeadh  gu  siorruidh.  B'  e  sud  an 
comharadh  a  bha  aig  na  fior  chreidmhich 
am  measg  nan  ludhach  o  shean  air  cairdeas 
agus  co-chomunn  Dhe,  gu'm  biodh  daoine 
'n  an  aoidhean  aige,  a'  comh-phairteachadh 
de  nithean  maithe  a  thighe.  Tha  e  a'  dea- 
sachadh  bord  dhuinn  eadhon  ann  am  fianuis 
ar  naimhdean,  agus  tha  ar  cupan  a'  cur 
thairis.  "  Ma  dh'eisdeas  neach  sam  bith 
ri  m'  ghuth,"  tha  Criosd  ag  radh,  "  gabhaidh 
mi  mo  shuipeir  maille  ris,  agus  esan  maiUe 
riumsa." 

Tha  so  mar  chinnt  agus  mar  urras  againn 
air  ar  coirichean  mor  agus  saoibhir  ann  an 
Criosd.  Tha  an  cupan  loma-lan  de  uile 
bheannachdan  a  chosnaidh-san.      Chan  'eil 


sochair  no  tiodhlac  spioradail  agUs  siorruidh 
is  urrainn  do  Dhia  fein  a  bhi  toirt  seachad 
nach  'eil  againn  mar  ar  cuid  's  ar  cuibhrionn. 
'S  leinn  gu  deimhin  oighreachd  bhriagh  nach 
gann.  Os  barr,  tha  barantas  laidir  treun 
againn  gu'm  buin  solasan  a'  choimhcheangail 
shiorruidh  dhuinn,  do  bhrigh  gur  e  Criosd 
fein  's  an  ordugh  gur  e  so  ar  Ceann-ciimhnant. 
"Is  e  an  cupan  so  an  coimhcheangal  nuadh 
ann  am  fhuil-sa." 

Seulaichte  gu  daingean  le  fhuil-san  tha 
deagh  fhios  againn  nach  tig  failnigeadh  no 
diobaradh  anns  a'  choimhcheangal  tre  'n 
bhith-bhuantachd.  An  cuspair  a  tha  'g  a 
thoirt  fhein  dhuinn  's  a'  chupan  cha  tig  an 
la  gu  brath  a  threigeas  e  sinn,  no  a  dh' 
atharraicheas  a  dhilseachd  's  a  ghi'adh- 
tearnaidh  d'ar  taobh.  Nach  maith  a  dh' 
fheudas  sinn  a  radh  maille  ris  an  t-Salmadair, 
le  buidheachas  is  mor-ghairdeachas  "  Ciod  a 
dh'iocas  mi  do  an  Tighearna  air  son  uile 
thiodhlaca  dhomh  ?  Glacaidh  mi  cupan  na 
slainie  agus  gairmidh  mi  air  ainm  an 
Tighearna." 


D6mhnull  D6mhnullach  nach  maireann 


Le  D.  I.  MacCuish,  Uidhist-a-Tuath 


CHAOCHAIL  an  duine  6g  uasal,  clititeach, 
measail  so,  o  chionn  ghoirid  le  bas  aithghearr 
an  'uair  nach  robh  stiil  ris.  Bhris  air  a 
shlainte  o  chionn  tiine  nach  'eil  fada,  agus 
dheonaich  e  fein  a  dhol  do  th^'gh-eiridinn  ri 
sui]  gu'm  faigheadh  e  na  b'fhearr,  ach  cha 
robh  sin  an  dan.  Bho  aois  a  leanabachd 
bha  e  a'  fas  ann  an  doigh  gu  tur  eadar- 
dhealaichte  bho  gach  oganach  eile,  ionnas 
nach  robh  aig  athair  no  mhathair  ri  chron- 
aehadh  riamh  le  smachd.  Mar  a  bha  e  a' 
fas^,  bha  modh  agus  iomachachd,  se'mhachd 
agus  gliocas,  coiread  agus  coibhneas  neo- 
"chumanta,  ri  fhaicinn  ann  gu  soilleir. 

Th^inig  curam  anama  ann  gle  6g,  agus 
b'e  barail  moran,  do  bhrigh  a  chaithe-beatha 
eiseimpleireach,  neo-oilbheumach,  gur  e  bha 
ann  "  Nasarach  bho  'n  bhroinn." 

A  thaobh  eud  air  son  na  h-Eaglais  agus  a 
h-aobhar,  's  e  gle  bheag  'n  ar  latha  a  thigeadh 
suas  ris ;  's  e  eiginn  mhor  a  thigeadh  air,  an 
uair  nach  bitheadh  e  innte  air  Sabaid  agus 
seachduinn. 

Bu  tlachdmhor  leis  gach  neach  a  bhiodh 
an  lathair  an  uair  a  dheireadh  e  a  sheinn  le 
guth   boidheach,    caol,    ciuin,    "a'   seinn   le 


gMh  an  t-subhachais."  Bu  chiatach,  eire- 
achdail,  a  phearsa  mhor,  dhireach,  thomad- 
ach,  le  aghaidli  chiiiin,  sholuimte,  shiobhalta 
an  uair  a  rachadh  e  a  thional  an  Tabhartais  ; 
bha  maise  na  naomhachd  fein  'n  a  aghaidh— 
"  Israelach  da-rireadh  anns  nach  robh  cealg." 
Tha  aobhar  na  h-Eaglais  anns  a'  choimh.h- 
ional,  agus  iomadh  aobhar  math  feiimail  eile 
ann  an  Uidhist  na's  bochda  a  chionn  nach 
'eil  e  nis  beo.  Ach  air  dha  bhi  marbh,  tha 
e  fathasd  a'  labhiirt. 

Tha  gach  neach  do'm  b'aithne  e,  agus  bu 
lionmhor  iad,  sean  agus  6g,  bochd  agus 
beartach,  'g  a  ionndrainn  gu  mor,  agus  tha 
na  h-aobhair  aca.  Cha  do  dh'  fhag  e  leithid 
'n  a  dheidh  an  so.  Tha  co-fhaireachduinn 
theo-chridheach  aig  moran  chairdean  agus 
luchd-eolais  ri  mhathair,  agus  ri  pheathraich- 
ean  agus  ri  bhraithrean,  air  son  na  buille 
ghoirt  a  fhuair  iad,  ach  chan  'eil  am  bron 
mar  dhream  gun  dochas,  oir  an  neach  a  tha 
iad  a"  caoidh,  "  chan  'eil  e  ann,  oir  thug 
Dia  leis  e."  "  Beannaichte  gu  robh  ainm  an 
Tighearna." 

"  Is  beannaichte  na  mairbh  a  gheibh  bas 
anns  an  Tighearna." 


Cleireach  Baile  Ephesus 

Le  Niall  Mac-an-Tuairneir,  F.R.H.S.,  Loch  Portain,  TJidhist-a-Tuath 


NUAIR  a  dh'aithn  Cleireach  Baile  Ephesus 
do'n  cho-chruinneachadh  an-riaghailteach, 
mil  bheil  cunntas  againn  's  an  XIX  caib. 
de  Ghniomhara,  "  gun  ni  air  bith  a  dhean- 
amh  gu  h-obann,"  thug  e  comhairle  orra  a 
bhiodh  ro  fheumail  do  Chriosduidhean  cho 
maith  ri  Cinnich  a  thoirt  fainear  anns  gach 
linn  agus  anns  gach  suidheachadh  's  am  bi 
iad.  Ged  nach  'eil  mi  fein  aosda,  gidheadh 
chunnaic  mi  iomadh  ni  'n  am  thurus  tre  an 
fhasach  so  a  nochd  dhomh  cho  doehaireach 
's  a  tha  e  a'  chomhairle  so  a  chur  an  suarachas. 
Chan  'eil  ni  air  bith,  a  theagamh,  anns  a 
bheil  sinn  cho  ealamh  gu  dearmad  a  dhean- 
amh  air  an  earail  so  's  a  tha  sinn  a  thaobh 
breith  a  thoirt  air  aon  a  cheile.  Tha  uabhar 
"anns  a'  chridhe  nadurra — "an  cridhe  a  tha 
cealgacih  thar  nan  uile  nithe  agus  anabarrach 
aingidh  " — a'  toirt  air  muinntir  earbsa  mhor 
a  chur  'n  an  tuigse  's  'n  am  barailean  fein; 
agus  mar  is  ealamhaiche  a  tha  sinn  a'  toirt 
na  binne  a  mach  's  ann,  mar  is  bitheanta, 
is  deine  tha  sinn  'g  a  seasamh,  's  a'  leantuinn 
rithe. 

Duine  glic 

Ann  an  cearn  araidh  de'n  Ghaidhealtachd 
bha  duine  ro-thuigseach  diadhaidh  a  cho- 
mhnuidh ;  agus  a  chionn  gu  robh  e  foidhidn- 
each,  faicilleach  'n  a  ghitdan,  agus  gu'n  robh 
an  saoghal  a'  soirbheachadh  leis,  theireadh 
iuchd-mi-ruin  ris  mar  fhar-ainm,  "  Calum 
Faicilleach."  Ach  an  aite  athadh  a  ghabhail 
<le'n  innisg  so,  mar  a  shaoil  a  luchd-fuath  a 
dheanadh  e,  's  ann  a  rinn  e  mor  uaill  as ; 
agus  bu  trie  a  thubhairt  e,  nach  d'thugadh 
e  uiread  riarachaidh  dha  ged  a  bheireadh 
Righ  Bhreatuinn  an  t-urram  's  an  tiodal  as 
airde  tha  'n  a  chomas  da,  's  a  bha  e  gu'n  do 
mheas  eadhon  a  naimhdean  gu'm  b'airidh  e 
air  ainm  cho  oirdhearc. 

Choinnieh  Calum  aon  latha  ri  caraid, 
agus  air  dhaibh  a  bhi  greis  ri  bruidhinn  mu 
chaochladh  nithean  dh'  fheoraich  an  caraid 
de  Chalum  ciod  an  doigh  air  an  d'fhuair  e  a 
leithid  de  thur,  's  de  ghliocas  's  a  bha  aige, 
's  gun  e  riamh  a  dh'fhagail  an  t-aite  's  an  do 
rugadh  e  ? 

"  'S  e  'n  t-aon  duine,  fhreagair  Calum  le 
fiamh  gaire,  a  mach  o  m'  Shlanuighear 
beannaichte,  's  o  na  sgriobhairean  sin  a  bha 
air  an  gluasad  le  Spiorad  lehobhah  gus  an 
Leabhar  Xaomh  a  chur  ri  cheile,  do'm  mo 
a  bheil  mi  fo  chomain  Cleireach  Baile 
Ephesus.  B'  esan  fear-comhairleachaidh 
m'athar  romham ;  agus  's  e  m'fhear-comh- 
airleachaidh-sa  e  re  iomadh  bliadhna.      'S 


iomadh  iomradh  a  tha  mi  a'  cluinntinn  mu 
dhaoine  glic  na  Greige  's  na  Roimhe,  ach  's 
i  mo  bharail  nach  'eil  uiread  gliocais  anns  na 
dh'fhag  iad  uile  de  sgriobhannan  'n  an 
deidh  's  a  tha  anns  na  tha  againn  air  mhaire- 
ann  de  na  labhair  an  duine  so;  agus  ma's 
miann  leatsa,  a  charaid,  faotuinn  troimh  'n 
t-sabghal  gu  seimh  socrach  gabhaidh  tu  e 
mar  t'fhear-comhairle,  mar  an  ceudna." 

Air  do  Chalum  a  charaid  fhaicinn  fo 
mhor  ionghnadh  a  thaobh  a  chomhraidh 
ris,  dh'aithris  e  an  sgeul  a  leanas. 

A'  mharachd 

Tha  fios  agad,  deir  esan,  nach  robh  aon 
duine  cloinne  aig  mo  pharantan  ach  mi  fein ; 
agus  air  an  ao'bhar  sin  bha  iad  araon  ro 
thoigheach  umam,  agus  iarrtach  air  m 'fhaic- 
inn suidhichte  's  an  t-saoghal  ann  an  doigh 
cho  socrach  's  a  fhreagradh  d'an  staid.  An 
nuair  bha  mi  mu  cheithir  bliadhna  deug  a 
dh'aois  dh'fheoraich  m'athair  dhiom  aon 
latha  an  robh  dreuchd  no  oifig  air  bith  a  bu 
roghnaiche  leam  na  cheile  ? 

Bha  sinn  's  an  am  sin  a  chomhnuidh  air 
an  leitir  sin  a  tha  fagus  do  chaolas  a'  bharr- 
aich  "  Far  am  faicte  air  maduinn  's  air 
feasgar  gach  la,  Iomadh  eithear  is  bata  dol 
seachad,"  agus  an  uair  a  chithinn  soithichean 
de  gach  meudachd — o'n  gheola  bhig  gus  an 
luing  as  motha — a'  seoladh  seachad,  bu  trie 
a  mhiannaich  mi  a  bhi  air  bord;  agus  mar 
sin  'sea  thuirt  mi  ri  m'athair  gu'm  b'i  'n 
t-seoladaireachd  oifig  a  b'fhearr  leam  na  aon 
air  bith  eile. 

An  aite,  an  dara  cuid,  aontachadh  leam, 
no  cur  gu  tur  am  aghaidh,  'se  thubhairt  e ; 
"  Ro  mhaith,  mo  ghiulan  gaolach,  tha  a' 
mharachd  araon  measail  agus  feumail,  's 
chan  'eil  ni  air  bith  agam-sa  'n  a  h-aghaidh 
ma  tha  thu  fein  'g  a  roghnachadh.  Ach  air 
tiis  cuireamaid  ar  comhairle  ri  Cleireach 
baile  Ephesus."  ' 

Mar  so  chuir  e  dail  mios  no  dha  's  a' 
chilis,  agus  re  na  h-uine  so  nochd  e  dhomh 
gach  cunnart  agus  cruadal  d'am  bheil 
maraichean  buailteach — a'  chuideachd  mhi- 
chiallach  am  measg  am  bithinn,  agus  a' 
bhuaidh  dhochaireach  a  ])ha  e  coltach  a 
bhiodh  aig  eisimpleir  na  muinntir  so  air  mo 
ghiulan-sa.  'S  e  thainig  as  an  dail  a  bha'n 
so,  gu  bheil  mise  nis  am  thuathanach,  an 
aite  bhi  'n  am  sheoladair,  mar  tha  e  coltach 
a  bhithinn  mur  cuirinn  mo  chomhairle  ri 
Cleireach  Ephesus. 


CLEIREAC'H  BATLE  EPHESUS 


ISTuair  a  tha  mi  a'  labhairt  mar  so  chan  'eil 
mi  idir  aim  am  beachd  gu  bheil  tuathanacbas 
na's  measaile  na  seoladaireacbd,  ach  tha  fios 
aig  gacb  neach  gu  bheil  cothrom  aig  an 
tuathanach  air  a  chloinn  a  thogail  ann  an 
eagal  's  ann  an  oilean  an  Tighearna,  agus 
a  laithean  a  chaitheadh  ann  an  caidreamh 
graidh  a  theaghlaich  an  uair  a  tha  an 
seoladair  bochd  a'  cur  seachad  a  bheatha 
'n  a  fhogarrach  o  cheile  ghradhach,  's  o 
chlann  ghaolach,  agus  a  tha  iadsan  as 
eugmhais  a  churaim  athaireil-san. 

Taghadh  mnatha 

Chaochail  m'athair  mu'n  robh  mi  ach  coig 
bliadhna  fichead,  agus  dh'fhag  e  a  mhaoin 
uile  agam.  Do  bhrigh  gu'n  do  chaochail 
mo  mhathair  bliadhna  no  dha  roimh  m'ath- 
air, bha  mo  dhachaidh,  mar  dh'fheudas  tu 
thuigsinn  gle  aonaranach ;  agus  air  an 
aobhar  sin  chomhairlich  mo  chairdean  dhomh 
posadh.  Bha  gruagaichean  anns  a'  choimh- 
earsnachd  a  bha  da  rireadh  eireachdail,  's 
aig  an  robh  ni  is  ear r as,  agus  tha  mi  a' 
creidsinn  nach  diiiltadh  aon  diubh  an  lamh 
dhomh,  's  mar  sin  eha  robh  mo  chairdean 
a'  faicinn  aobhar  gu  dail  a  chur  's  a'  chuis. 
Ach  thuirt  mi  riu  gu'n  cuirinn  air  tiis  mo 
chomhairle  ri  Cleireach  Baile  Ephesus. 

Mu'n  am  so  chunnaic  Dia  iomchuidh 
grainealachd  agus  olcas  a'  pheacaidh  a 
nochdadh  dhomh,  agus  ann  an  am  iomchuidh 
dh'fhoillisich  e  dhomh  mar  a  tha  e  ann  an 
losa  Criosd  a'  deanamh  an  t-saoghail  reidh 
ris  fein  gun  a  bhi  a'  meas  an  cionta  dhoibhsan 
a  chreideas.  Bha  mi  nis  ag  imeachd  le 
m'aghaidh  gvi  Sion ;  agus  b'e  'n  ni  sonruichte 
a  bha  a'  cur  ciiram  orm  gu'm  biodh  ise  a 
gheibhinn  mar  bhan-chompanaich  de'n  aon 
inntinn  rium  fein,  agus  mar  sin  an  aite  bhi  'n 
a  ceap-tuislidh  's  'n  a  bacadh,  gur  ann  a 
bhiodh  i  'n  a  comhnadh  dhomh  air  turus 
an  fhasaich.  Chaidh  bliadhnachan  seachad 
mu'm  faca  mi  aon  a  fhreagradh  dhomh  air 
chor  agus  an  aite  posadh  aig  coig  bliadhna 
fichead,  gu'n  robh  mi  coig  bliadhna  deug 
thar  fhichead  mu'n  do  phos  mi. 

Mu  dheireadh  chunnaic  an  Tighearna 
iomchiiidh  aon  freagarrach  a  chur  ann  am 
rathad  ;  agus  ged  nach  robh  aon  chuid  maise 
no  storas  aice  anns  an  tomhas  anns  an  robh 
iad  aig  cuid  eile  air  an  robh  mi  eolach, 
gidheadh  bha  aice  ni  air  an  do  chuir  mise 
tuilleadh  luach  na  air  neamhnuidhean  fiach- 
ail.  Bha  a  cridhe  air  a  lionadh  le  gradh  Dhe, 
agus  bha  citiineachd  agus  coibhneas  a  nadidr 
da  rireadh  comharraichte. 

Maille  r'a  laimh  thug  i  dhomh  a  mheud  d'a 
cridhe  's  d'a  h-aignidhean  's  a  cheadaicheadh 
a  dleasnas  d'a  Cruithear  dhi  a  dheanamh; 


agus  mheal  sinn  iomadh  latha  sona  comhla, 
a'  brosnachadh  a  cheile  gu  gradh  's  gu  deagh- 
oibribh,  agus  a'  comhnadh  le  aon  a  cheile 
anns  gach  dleasnas  a  bha  fiachaichte  oirnn 
mar  luchd-leanmhuinn  air  Criosd  agus  mar 
oighreachan  air  a'  bheatha  mhaireannaich. 

Ach  chunnaic  Dia,  a  tha  deanamh  gach  ni 
gu  ro  mhaith,  ceart  ise  a  ghairm  as  t-saoghal 
so  gu  bhi  air  a  h-aonadh  ri  comh-thional 
agus  eaglais  nan  ceudghin. 

An  so  thainig  tioma  air  Calum  coir; 
thionndaidh  e  a  chtil  rium  agus  mhothaich 
mi  dha  a'  siabadh  nan  deur  o  ghruaidhean ; 
ach  ann  am  beagan  iiine  chaidh  e  air  aghaidh 
le  a  sgeul. 

Taghadh  ministeir 

Tha  mi,  ar-s  esan,  ann  am  bhall  agus  mar 
an  ceudna  am  fhear-dreuchd  ann  an  eagiais 
a  tha  's  a'  choimhearsnachd.  Bho  chionn 
ochd  no  naoi  bhliadhnachan  chaochail  ar 
ministear  gaolach,  agus  bha  rud-eigin  e 
chonnspaid  am  measg  a'  choimhthionail  an 
am  taghaidh  an  aodhair  a  chaidh  'n  a  aite. 
Thachair  dhomhsa  gu'n  robh  mi  air  an 
taobh  a  bu  laige.  Tha  eadhon  Criosduidhean 
ullamh  aig  a  leithid  so  a  dh'am  gu  ruith  a 
leigeil  le'n  faireachduinean  nadurra,  agus 
mar  sin  cha  toilicheadh  ni  air  bith,  an 
toiseach,  iadsan  a  bha  dh'aon  bheachd 
riumsa  ach  gu'n  dealaicheamaid  sinn  fein  o 
chach  gu  buileach ;  ach  thubhairt  mi  riu 
gu'n  cuirinn  fein  air  ttis  mo  chomhairle  ri 
Cleireach  Baile  Ephesus,  agus  's  e  bh'ann 
gu'n  do  lean  iad  uile  m'eiseimpleir. 

Cha  b'urrainn  domh  fein  coire  air  bith 
fhaotainn  do  theagasg  no  do  bhuaidhean- 
inntinn  an  neach  de'n  d'rinn  each  roghainn, 
ach  a  mhain  gu'n  robh  mi  a'  saoilsinn  gu'm 
faighinn  an  tuilleadh  foghluim  agus  buann- 
achd  o  theagasg  aon  eile  a  bha  'n  ar  tairgse. 
Chunnaic  mi  gu'm  b'e  mo  dhleasnas  striochd- 
adh  do  bheachd  an  aireamh  a  bu  lionmhoire, 
oir  b'i  mo  bharail  gu'n  robh  an  ni  da  rireadh 
o'n  Tighearna. 

Bha  mi  air  mo  lionadh  gu  mor  leis  a' 
cheud  teagasg  a  chuala  mi  uaith  an  deidh 
dha  bhi  air  a  thaghadh,  o  bhriathran  an 
Abstol  Pol  ri  na  Corintianaich — "  Chan  e 
'ur  cuid  a  tha  mi  ag  iarraidh,  ach  sibh 
fein,"  agus  nochd  e  gu  robh  cridhe  aige  a 
bha  cur  thairis  le  gradh  agus  tairisneachd, 
's  gu'n  robh  e  mar  an  ceudna  Ian  mhoth- 
achail  air  cudthrom  an  dreuchd  's  an  robh  e. 

Bho'n  am  so  mach  bha  mo  mheas  air  ar 
n-aodhair  gaolach  a'  dol  am  meud  gach  la. 
Ged  nach  robh  e  'n  a  dhuine  deas-bhriatlirach 
mar  bha  Apollos,  gidheadh  bha  e  coltach 
ris-san,  ■"  cumhachdach  anns  na  Sgriobtuir- 
ibh,"  agus  bha  leithid  a  dhoigh  aige  air  a 


6 


CLEIREACH  BAILE  EPHESUS— AIG  AN  UINNEIG 


theagasg  a  thoirt  dachaidh  a  dh'ionnsiiidh 
na  h-inntinn  a  bu  doilleire,  's  gu'n  d'fhas 
e  ro  ainmei]  mar  fhear-teagaisg  arm  an  gle 
bheag  a  dh'uine.  Bha  sinn  gu  trie  arm  an 
comunn  a  che  le  <^gus  b'ann  an  sin  a  chnniiaic 
mise  na  bu  sho'lleire  a  dh'adhrchd  f^gus  a 
luach.  'S  e  nis  caraid  as  dilse  agus  is  to'ghiche 
learn  a  tha  agam  anns  an  t-saoghal  so ;  agus 
tha  mi'n  dochas  gu  bheil  Dia  a'  faieinn 
iomchuidh  a  ehaomhnadh  iomadh  bl'adhna 
gu  bhi  a'  faire  thairis,  agus  a'  beathaehadh 
an  treud  air  an  d'rinn  an  Spiorad  Naomh  fein 
fear-eoimhead  dheth,  agus  tha  e  'n  a  ehulaidh- 
sholais  dhomh  gu'm  feud  e  bhi  'n  a  fhear-iuil 
do  m'shliochd  an  uair  a  bhios  mise  am  luighe 
ann  an  suain  a'  bhais  leatha-se  nach  maireann 
arm  an  uaigneas  na  Cille. 

An  garadh-criche 

An  deidh  dhomh  MuUach-Mor  f  hagail  agus 
tighinn  a  chomhnuidh  do'n  ghabhaltas  's  a 
bheil  mi,  thug  mi  fainear  gu'n  robh  an 
garadh-criche  eadar  Donnchadh  Ban  's  mi 
fein  leagta  gu  lar.  Nochd  mi  do  Dhonnchadh 
cho  feumail  's  a  bha  e  gu'm  biodh  an  garadh 
air  a  thogail,  agus  an  deidh  dhomh  seorsa  de 
chunntas  a  dheanamh  suas  air  ciod  an  cosdas 
gus  an  tigeadh  e,  's  a  chur  mi  fa  c  horn  hair, 
dh'  aontaich  e  air  ball  leis  gach  ni  a  bha  mi 
ag  iarraidh. 

Fhuair  mise  clachair,  ,  's  chuireadh  an 
garadh  suas,  ach  gu  tubaisteach  thainig  an 
cosdas  mar  is  minic  a  thachair,  gu  tuilleadh 
mor  's  a  shaoil  mise,  agus  's  e  a  thachair 
gu'n  do  dhiult  Donnchadh  aon  sgillean  ruadh 
a  phaigheadh  de'n  chosdas  throm  a  bha 
'n  so. 

Cha  robh  comas  air :  agus  o'n  bu  mhise  a 
ghabh  an  obair  os  laimh  b'eigin  domh  na 
h-uile  peighinn  a  phaigheadh. 

Chomhairlich  mo  chair  dean  uile  dhomh  mi 
thoirt  mo  nabuidh  do'n  lagh,  agus  a  tharruing 
air  beulaibh  an  t-Siorraim,  ach  thuirt  mi  riu 
gu'n  cuirinn  mo  chomhairle  air  tus  ri  Cle>e- 
ach  Baile  Ephesus. 


An  ceann  beagan  sheachduinean  an  uair  a 
bha  uine  aig  fearg  Dhonnchaidh  air  traoghadh 
's  air  sioladh,  sgriobh  mi  litir  d'a  ionnsuidh 
arms  an  do  chuir  mi  'n  ceill  cho  duilich  's  a 
bha  mi  gu'n  d'thainig  eas-aonachd  air  bith 
eadaruinn  nochd  mi  dha  am  feum  a  dheanadh 
an  garadh  d'ar  cuid  fearainn  araon,  thuirt 
mi  ris  na'm  paigheadh  e  a  roinn  de'n  chosdas 
mar  a  dh'aontaich  e  dheanamh  an  toiseach 
gu'm  paighinn-sa  mo  roinn  fein,  a  thuilleadh 
air  na  thainig  an  obair  'g  a  ionnsuidh  thairis 
air  na  shaoil  sinn;  agus  cho-dhiiin  mi  le 
dochas,  a  dh'aindeoin  gach  ni  a  thainig 
eadaruinn  gu'm  biodhmaid  fathast  cho 
cairdeach  's  cho  rianail  's  a  bha  sinn  air  tiis. 

Air  an  ath  latha  fhuair  mi  fios-freagairt  a 
thug  mor  thoileachadh  dhomh,  agus  a  chuir 
da  rireadh  iongantas  orm.  Chan  e  mhain 
gu'n  tug  e  moran  taing  dhomh  air  son  an 
dragh  a  ghabh  mi,  's  gu'n  do  rinn  e  cinnteach 
mi  a  cairdeas  's  a  deagh  choimhearsnachd, 
ach  chuir  e  dara  leth  a'  chosdais  am  ionnsuidh 
eadhon  gus  an  f  heoirling  ! 

Mar  so,  le  m'chomhairle  a  chur  ri  m' 
sheana  charaid,  Cleireach  na  beannachd, 
chaidh  mi  as  o'n  imcheist  's  o'n  an-tlachd, 
gun  ghuth  air  a'  chosdas,  a  tha  'n  deidh 
tagradh  an  lagha,  agus  ghleidh  mi  cairdeas 
neach,  a  tha  coltach  na'n  cuirinn  a  mach 
air  a  bhiodh  'n  a  namhaid  dhomh  re  a 
bheatha  agus  aig  an  robh  lan-chomas  air 
iomadh  mi-thlachd  a  chur  orm." 

Chan  'eil  teagamh  na'n  ceadaicheadh  uine 
dhomh  nach  tugadh  "  Calum  Faicilleach  " 
iomadh  eiseimpleir  de'n  nadur  cheudna 
dhomh.  Mheas  mi  na  dh'aithris  e  cho 
feumail  's  gu'n  do  ghabh  mi  mo  pheann  's 
gu'n  do  chuir  mi  sios  air  son  luchd-leughaidh 
nan  duilleagan  so  gach  facal  mar  a  chuala  mi. 

Bu  choir  duinn  gu  leir  ar  comhairle  a  chur 
ri  Cleireach  Baile  Ephesus,  agus  tha  mi  an 
dochas  gu'm  bi  an  sgeul  bheag  so  'n  a 
meadhon  air  muinntir  a  chumail  bho  leum 
gu  ni  do'n  gabhadh  iad  aithreachas. 

Mu'n  toisich  thu  air  ni  air  bith  smuainich 
ciod  a'  chrioch  a  dh'fheudas  tighinn  air. 


Aig  an  Uinneig 


An  Raidheachan  Soisgeulach. 

ANNS  an  aireamh  mu  dheireadh  de'n 
Raidheachan  so  tha  a'  cheud  aite  air  a 
thoirt  do  sheanchas  a  sgriobh  an  t-Ollamh 
R.  S.  Drummond  mu  litir  an  Abstoil  Pol 
chum  nan  Romanach,  seanchas  a  tha  leth- 
mar-leth  eadar  a  bhi  freagarrach  gu  bhi  air 
a  labhairt  aim  an  cilbaid  no  gu  bhi  air  a 


leughadh  le  sgoilearan.  Agus  tha  an  t-aite 
mu  dheireadh  air  a  thoirt  do  shearmon 
beag  blasda  leis  an  Urramach  F.  A.  Aston, 
M.A.,  B.Th.,  an  New  York,  air  a'  cheann- 
theagaisg,  "  Tha  mise  maille  ribh  a  ghnath, 
gu  deireadh  an  t-saoghail  "  ;  gealladh  air  an 
fhiach  do  chreidmich  greim-bais  a  dheanamh 
anns  na  laithean  so. 


AIG  AN  UINNEIG 


Tha  sgriobhaidhean  eile  amis  an  Raidh- 
eachan  anns  am  faighear  deagh  ionaltradh, 
nithean  lira  agus  sean  air  an  cur  sios  gu 
ciallach  le  sgoilearan  d'an  aithne  am  briathran 
a  th.omh.as. 

"Scottish  Gaelic  Studies." 

Ged  nach  "eil  an  Leabhar-sgoilearachd  so 
a'  tighiim  a  mach,  cho  riagliailteach  ri  cursa 
na  gealaich  is  fhiach  e  daonnan  a  bheatha 
a  dheanamh.  an  uair  a  thig  e.  Anns  an 
aireamh  so  tha  iomradh  goirid  air  a  dhean- 
amh air  an  fheadhainn  nach  maireann;  F. 
C.  Diack,  duine  a  bha  'n  a  dheagh  sgoilear 
agus  a  chruinnieh  moran  eolais  ann  an 
iomadh  oisein  de  mheanbh-sgoilearachd  na 
GaidhMg,  agus  Seumas  Mac  GiJle-Mhicheil 
MacBhatair.  Ard  Fhear-teagaisg  na  Gaidhlig, 
an  Oilthigh  Dhtin-eideann,  a  bha  air  a  chall 
anns  an  earrach  an  uair  a  bha  an  long- 
chogaidh  air  an  robh  e  'n  a  sheoladair  air 
a  cur  fodha.  Tha  a  dhluth  charaid,  Iain 
Mac  Gill-eathain,  ag  innseadh  anns  an 
aireamh  so  mu'n  obair  mhor  agus  mhaith 
a  rinn  an  sgoilear  6g  so  ann  am  bliadhnachan 
cho  goirid,  agus  ag  innseadh  cuideachd  mu'n 
uaisle  nadurra  a  bha  ann  fhein  mar  dhuine, 
is  tha  sin  uile  air  a  dheanamh  cho  caomhail 
agus  cho  firinneach  's  nach  ruig  mise  no 
duine  eile  a  leas  dad  a  chur  ris. 

Clian  e  mhain  gu  robh  Seumas  Mac 
Bhatair  maith  ann  an  meanbh-sgoilearachd 
na  Gaidhlig,  sloinntearachd  fhacal,  agus 
mith-fhoghlum,  agus  gach  neonachas  a 
bhuineas  do  shaoghal  nam  marbh,  ach  bha 
e  maith  ann  am  mor-sgoilearachd  na  Gaidhlig 
cuideachd,  oir  bha  coinneal  'n  a  iimtinn  nach 
leigeadh  leis  dol  air  seachran  an  uair  a  bhiodh 
e  a'  leughadh  agus  a'  tomhas  litreachas  ar 
duthcha  no  litreachas  na  h-Eireann.  A 
thaobh  taghadh  fhacal  bha  e  cho  cuimseach, 
agus  bha  a  leithid  de  ghrinneas  agus  de 
fhinealtachd  a'r  a  laimh  's  gu  robh  dochas 
agam-sa  gu'n  sgriobhadh  e  fhein  uair-eigin, 
an  rosg  no  an  ranntachd,  ni-eigin  a  b'fhiach 
a  chumail  air  chuimhne  'n  ar  litreachas 
Gaidhlig. 

Le  b^s  an  sgoileir  oig  so  thainig  call  oirnn 
nach  d'  thainig  a  leithid  o  chaochail  an 
t-OUamh  Mac  Bheathain. 

Am  measg  na  feadhnach  a  tha  a'  sgriobh- 
adh anns  an  aireamh  so  de  Scottish  Gaelic 
Studies  tha  dithis  a'  seasamh  a  mach  os 
cionn  chaich  mar  dhaoine  aig  a  bheil  rud- 
eigin  as  fhiach  eisdeachd  ris  ri  radh  daonnan, 
an  t-Ard  Fhear-teagaisg,  Iain  Friseal,  an 
Oxford,  agus  W.  Douglas  Simpson,,  an  Obar- 
dheathain ;  an  dara  fear  dhiubh  'n  a  urrainn 
mhaith  air  meanbh-sgoilearachd  agus  mith- 
bhriatluachas  n&/  Gaidhlig,  agus  am  fear  eile 


'n  a  urrainn  mhaith  air  obair  agus  turusan 
nan  naomh  air  feadh  na  h-Alba.  Sin  na 
cuspairean  air  a  bheil  iad  a'  toirt  seachad 
am  beachd  agus  am  binn  anns  an  aireamh 
so,  agus  tha  iad  le  cheile  a'  toirt  soluis  do'n 
luchd-leughaidh  a  threoraicheas  an  ceumanna. 

A  thuilleadh  air  sloinntearachd  fhacal  agus 
puingean  gr^mair  tha  Iain  Friseal  a'  deanamh 
iomradh  moltach  air  a'  cheud  da  leabhar  a 
bha  air  an  cur  a  mach  fo  tighdarras  a' 
Chomuinn,  Scottish  Gaelic  Texts  Society, 
(1)  Bardachd  Albannach  a  Leabhar  Deadhan 
Lios-mor,  fo  laimh  an  Ollaimh,  Uilleam  I. 
Mac  Bhatair,  (1937),  agus  Grain  Iain  Mhic 
Codrum,  for  laimh  Uilleim  Mhic  Mhathain, 
(1938).  Tha  Iain  Friseal  ag  radh  umpa  le 
cheile,  Is  maith  an  obair  so. 

O  chionn  bhliadhnachan  tha  W.  Douglas 
Simpson  agus  an  t-L^rramach  Gilleasbuig 
Black  Scott  agus  aon  no  dha  eile  a'  feuchainn 
ri  dhearbhadh  nach  do  rinn  Calum-Cille 
uiread  's  a  bhatar  a'  saoilsinn  ann  an 
craobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil  an  Albainn, 
agus  gu'n  d'  fhuair  e  creideas  troimh  na 
linntean  air  son  na  h-oibre  a  bha  air  a' 
deanamh  le  naoimh  eile.  Theagamh  gu 
bheil  so  fior  anns  an  t-seagh  gu  bheil  cliu 
agus  ainm  an  duine  mhoir  daonnan  a' 
sluigeadh  suas  saothair  dhaoine  beaga. 

"Tim  an  Obain." 

Dean  do  bheic  do  "_  Thim  an  Obain,"  agus 
do'n  te  a  tha  air  a  cheann  !  Chan  aithne 
dhomh  paipear-naidheachd  eile  anns  an 
diithaich  air  an  do  rinn  an  cogadh  cho  beag 
a  dh'  atharrachadh  a  thaobh  meudachd,^  is 
cumadh  nan  duilleagan,  is  tiiighad  a'  phaipeir. 
An  uair  nach  'eil  ann  am  paipearan  eile,  a 
bha  aon  uair  gle  ainmeil,  ach  luideagan 
suarrach  tha  esan  mar  bha  e  riamh, — 
dreachmhor  ri  sealltuinn  air  agus  foisneach- 
ail  r'a  leughadh. 

A  dh'aindeoin  na  tha  e  a'  deanamh  gus 
cridheachan  dhaoine  a  neartachadh  anns  a' 
chogadh  agus  an  diithaich  a  chuideachadh, 
cha  do  leig  e  dheth  fhathast  a  bhi  'n  a 
phaipear-naidheachd  Gaidhealach  anns  am 
faic  thu  ciod  a  tha  dol  air  aghaidh  seachduin 
as  deidh  seachduin  o'n  Ghearasdan  gu  Ceann- 
loch,  o  Steornabhagh  gu  Giogha ;  an  ceilidh 
a  bha  aca  ann  an  Jobar-mhoire ;  na  sionnaich 
a  bha  air  an  glacadh  o  chionn  bliadhna  anns  a' 
Mhorairne  ;  na  bainnsean  a  bha  ann  an  Lios- 
mor,  agus  na  daoine  ciatach  a  shiubhail  ann 
an  Uidhist,  sin  na  nithean  beaga  ann  am 
paipear-naidheachd  a  bheir  toileachas  agus 
hrachadh  do  dhaoine  as  na  h-Eileanan  a  tha 
chomhnuidh  am  measg  nan  Gall  no  ann  an 
tirean  cein.  Ma  chunntas  tu  na  h-ainmean 
— ainmean  dhaoine  agus  ainmean  aitean — 


AIG  AN  UINNEIG 


a  chi  thii  ann  an  "  Tim  an  Obain  "  air  an 
t-seachduin  so  fhein  (2  lannari),  tha  mi 
cinnteach  nach  fhaiceadh  tu  uiread  ann  am 
paipear  eile  anns  an  duthaich,  agus  cuimhnich 
nach  'eil  ainm  dhiubh  sin  nach  toir  solas  do 
f  hogarrach  air  choreigin,  an  Astralia,  an  New 
Zealand,  an  Canada,  an  eileanan  Falkland, 
an  Rhodesia,  agus  am  mile  aite  eile.  Chan  e 
mhain  gu  hheil  "  Tim  an  Obain  "  a'  do!  am 
fad  's  am  farsuingeachd  air  feadh  an  t-saogh- 
ail  mar  nach  'eil  paipear  eile  an  Albainn, 
ach  tha  Deasaich  an  Albainn  fhein  agus 
Sasunnaich  'g  a  cheannach  agus  'g  a  leughadh 
ged  nach  'eil  ceangal  no  cairdeas  air  bith  aca 
ris  a'  Ghaidhealtachd.  Is  toigh  leo  am -bias 
a  tha  air,  agus  an  seanchas  agus  am  fiosrach- 
adh  a  gheibh  iad  ann  mu  iomadh  rud  anns  a 
bheil  uidh  aig  daoine  aig  a  bheil  gaol  air  a 
bhi  a'  gluasad  an  cluaintean  gorma  agus 
laim-h  ri  uisgeachan  seimh. 

Gu  ma  fada  a  bhios  peann  aig  Diighall 
Mac  an  t-Saoir,  agus  aig  Earra-Ghaidheal-a- 
Tuath,  agus  aig  Albannach,  gu  bhi  a'  sgriobh- 
adh  mu  shionnaich  agus  mu  iolairean,  mu 
naoimh  agus  mu  chladhanna,  mu  phiobair- 
eachd  agus  mu  fhichead  rud  eile  a  chunnaic 
no  chual  iad. 

Tha  iomadh  seorsa  paipear  a'  tighinn  a 
steach  do  m'  thigh-sa,  ach  is  e  "  Tim  an 
Obain  "  am  fear  as  fhearr  learn  agus  am  fear 
as  mo  a  thogas  sgiths  o  m'  inntinn.  Is  e 
fhein  agus  Ben,  Clag  mor  Lunna'nui  an  da 
ni  as  seasmhaiche  anns  an  t-saoghal  chaoch- 
laideach  so.  Deanaibh  'ur  beic,  ma  ta,  do'n  te 
a  tha  'g  a  chur  a  mach,  cho  gasda  's  a  bha  e 
riamh  ! 

Sluagh  lionmhor." 

Tha  barrachd  dhaoine  ann  an  China  na 
tha  ann  an  diithaich  eile  air  an  t-saoghal. 
De  'n  chloinn  a  tha  a'  tighinn  a  steach  do  'n 
t-saoghal  a  h-uile  bliadhna  tha  aon  as  a 
cheathrar  air  am  breith  ann  an  China.  Chan 
'eil  ach  gle  bheag  dhuibh  a'  faotainn  sgoile ; 
cha  leugh  agus  cha  sgriobh  iad  an  canain 
fhein.  Chan  'eil  aca  ach  beoshlaint  bhochd, 
reas  gun  bhainne  gun  siticar  tri  uairean  's 
an  la. 

O  chionn  choig  bliadhna  tha  iad  air  an 
saruchadh  le  lapan,  a  tha  a'  dortadh  orra 
as  an  adhar  sligean-sgrios  gun  sgur,  ach  a 
dh'aindeoin  gach  call  agus  uamhas  a  tha  iad 
a'  fulang  cha  gheill  iad  do  lapan,  oir  tha 
dochas  aca  gu'n  cuir  iad  lapan  air  a  h-ais 
fhathast  ann  an  co-bheinn  ri  Breatunn  agus 
America.  Fhuair  China  criothnachadh  an 
liair  a  chiinnaic  i  gu'n  deachaidh  aig  lapan 
air  Breatunn  iomain  a  mach  a  Hong  Kong 
agus  a  Singapore  gun  mhoran  dragh.     Cha 


robh  ionghnadh  ann,  oir  chuir  Hong  Kong 
agus  Singapore  crith  agus  fearg  oirnn  fhein, 
agus  cha  bhi  ciiisean  ceart  air  cladaichean 
na  Pacific  gus  an  dearbh  Breatunn  gu  bheil 
neart  agus  taic  innte  an  uair  a  gheibh  i  tiine 
air  dol  'n  a  h-uidheam.  Tha  lapan  seolta 
agus  cruadalach  agiis  misneachail,  is  faodaidh 
e  bhith  nach  teid  aig  America  agus  Breatunn 
air  a  ciosnachadh  fad  dha  no  tri  bhliadh- 
nachan  fhathast. 

Ach  tha  China  a'  fulang  leis  an  acras  mar 
tha  i  a'  fulang  leis  an  sgrios  a  tha  a'  tighinn 
oirre  as  an  adhar,  agus  tha  e  air  a  radh  le 
daoine  eolach  gu'n  do  l)hasaich  no  gu'n  do 
mhortadh  a  shia  uiread  phaisdean  anns  a' 
chogadh  so  's  a  tha  an  Glaschu  agus  an 
Dim-eideann  agus  an  Dim-deagh  air  an  cur 
comhla.  Tha  miltean  dhiubh  gun  dachaidh, 
gun  bhiadh,  gun  leabaidh ;  'n  am  fogarraich 
allabanach  'n  an  diithaich  fhein  agus  a' 
cadal  an  aite  air  bith  anns  am  faigh  iad 
fasgadh  o'n  fhuachd. 

Nathraichean  agus  Columain. 

An  uair  a  bha  Criosd  a'  cur  a  mach   a 
dheisciobul  thubhairt  e  riu,   "  Bithibh  glic 
mar  na  nathraiche  agus  neo-chronail  mar  na 
calumain," 

Anns  an  diithaich  so,  co-dhiu  tha  an  calum- 
an  'n  a  chreutair  cronail.  Anns  an  fhoghar 
tha  iad  a'  deanamh  cron  agus  dolaidh  a 
chuireadh  uamhas  air  Morair  Woolton.  Anns 
na  sgrobain  aig  da  chaluman  a  bha  air  am 
marbhadh  bha  496  grainne  sil  ann  an 
sgroban  fir  dhiubh,  agus  510  ann  an 
sgroban  an  fhir  eile ;  corr  is  mile  grainne  sil 
uile  gu  leir.  Abair  gu  robh  ceud  caluman 
air  an  achadh  fad  seachduin,  agus  tuigidh 
tu  an  cron  a  dheanadh  iad.  Ach  theagamh 
nach  e  so  an  t-eun  a  tha  air  ainmeachadh 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh. 

A  thaobh  na  nathrach,  bha  daoine  eile  anns 
an  t-seann  t-saoghal,  a  thuilleadh  air  na  h- 
ludhaich,  de'n  bheachd  gu  robh  gliocas  aice 
nach  robh  aig  creutairean  eile.  Ach  car  son 
a  fhuair  i  an  t-ainm  ?  Tha  am  fear  a  sgriobh 
Genesis  ag  radh  gu  bheil  i  na's  seolta  na  aon 
eile  de  bheathaichean  na  machrach,  ach  chan 
'eil  moran  dhaoine  a  dh'  aontaicheadh  ris 
anns  a'  bheachd  sin.  Tha  barrachd  seoltachd 
ann  an  aon  seana  radan  na  tha  ann  an  seachd 
nathraichean  ged  chuireadh  iad  an  cinn  r'a 
cheile.  Ach  tha  miighadh  mor  eadar  seoltachd 
agus  gliocas.  Tha  an  t-seoltachd  o  shios, 
agus  an  gliocas  o  shuas.  Mar  is  lugha  bhios 
ann  an  deisciobuil  Chriosd  de  ghne  no  de 
dhoighean  na  nathrach  is  ann  is  mo  a  dheal- 
raicheas  an  solus  anna..an.t-saogbal,  ,.. 


Aireamh  3 


1943 


Daorsa  agus  Dochas 

Leis  an  Urramach  Seoras  MacCoinnich,  B.D.,  an  Grianaig 
'■'  Is  e  Dia  ar  tearmunn  agus  ar  neart." — Salm  xlvi.  1 


AON  latha,  bho  chionn  seachd-ciad-diag 
bliadhna,  bha  duine  araid  'n  a  shuidhe  an 
ceann-a-tuath  na  h-Afric.  'S  e  C3'prian  a 
b'  ainm  dha,  agus  's  e  bu  cheannard  air 
luchd-leanmhuinn  Cbriosd  's  an  tir  sin. 

B'e  b'obair  dha,  aig  a'  cheart  mhionaid, 
sgriobhadh  litreach  gii  caraid,  agus,  gnothuch 
iongantach,  chaidh  an  litir  sin  a  ghleidheadh 
.  gus  an  dearbh  latha  so.  So  na  briathran  a 
sgriobh  Cyprian  air  an  fheasgar  ghrianach 
ud: — 

"  Saoilidh  mi  gur  h-e  aite  cridheil,  coibhneil 
a  tha  amis  an  t-saoghal  air  dhomh  amharc  air 
o'n  gharadh  aghmhor  so.  Ach  na'n  dirinn 
gualann  an  t-sleibL,  agus  gu'n  seallaiim  fad  is 
farsainn,  's  math  tha  f  hios  agadsa,  Dhonatuis, 
ciod  a  chithinn  ;  luchd-reubainn  air  fonn  is 
fairge ;  anns  na  tighean-chiiche  diolacha- 
deirce  'g  an  cur  gu  bas  air  son  toileachadh- 
inntinn  dha'n  mhuinntir  d'an  dia  am  brfi, 
agus  aig  am  bheil  an  gloir  'n  an  naire,  aig 
am  bheil  an  aire  air  nithean  talmhaidh.  Air 
m'  fhacal,  a  Dhonatuis,  's  e  fior  dhroch 
shaoghal  a  tha  ann  ! 

"  Gidheadh,  a  dh'  aindeoin  gach  bruaillein 
is  buairidh,  tha  mo  chrannchur  am  measg 
dhaoine  ciiiin  agus  naomh.  'S  iad  sin  luchd- 
leanmhuinn  Chi'iosd." 

Cor  an  t-saoghail 

Chaidh  an  litir  so  a  sgriobhadh  bho  chionn 
seachd-ciad-diag  bliadhna,  ach  tha  i  a'  toirt 
cinmtais  cho  cothromach  air  cor  an  t-saoghail 
's  am  bheil  sinn  fhein  beo,  's  ged  sgriobht'  i 
an  de.  Tha  eucoraich  's  a'  h-uile  tir ;  tru- 
aillidheachd  air  ablaich  a  dheanamh  de 
rioghachdan  a  shaoil  sinn  gaisgeil ;  air 
blair-chatha  na  h-E6rpa  's  'n  a  criochan, 
sgrios  is  sgitirsadh  air  daoine  los  faoineis  is 
sannt  luchd-ainneirt  a  shasuchadh.  ,  'S  e 
droch  shaoghal  a  tha  ann  gun  teagamh  ! 

Chan  urrainn  neach  air  bith  aig  am  bheil 
tuigse,  tur,  is  trocair,  gun  a  bhi  fo  dhragh 
ann  an  latha  's  am  bheil  na  h-uiread  d'a 
cho-chreutairean  an  cruaidh-chas.  Nuair  a 
bha  an  cogadh  fuilteach  a  sgrios  an  Fhraing 
's  a'  bhliadhna  1S70,  a'  dol  air  adhart,  bha 


R.  L.  Stevenson  a'  comhnuidh  air  eilein 
beag  air  taobh  an  iar  Alba.  Latha  as  deidh 
latha  bha  fuaim  nan  gunnachan  mora  'n  a 
chluais;  "agus,"  ars  e  fhein,  "  shuidhinn 
air  an  eilein  bheag  aonaranach  so  a'  smaoint- 
eachadh  air  droch  dhiol  dhaoine.  Bha  mo 
chridhe  air  uairibh  air  a  chiurradh  cho  goirt, 
's  gu'm  falaichinn  mo  cheann  's  an  fhraoch." 
Tha  cor  art  t-saoghail  smaointeachail. 

Neo-ar-thaing  nach  cluinn  sinn  iomradh 
air  saoghal  as  f hearr ;  air  an  ullachadh  bu 
choir  a  dheanamh  air  a  shon,  agus  air  an 
teomachd  a  bu  choir  a  chleachdadh  chum 
a  thoirt  gu  bith.  Anns  a'  mhor-chuid  a 
leughas  tu  's  a'  phaipear-naidheachd  agus  a 
chluinneas  tu  an  goileam  an  t-sluaigh  mu'n 
t-saoghal  ur,  's  ann  gle  ainneamh  a  chluinneas 
tu  iomradh  air  seacharan  an  t-saoghail  bho 
"Ohia.  An  aite  sin  's  e  theirear:  "  Car  son 
nach  'eil  Dia  a'  cur  bacaidh  air  a'  mhort  's 
air  an  uamhas  a  tha  dol  air  adhart  ?  Nach 
Dia  e  a  ta  grasmhor,  mall  a  chum  feirge, 
agus  pailt  ann  an  truacantas  ?  " 

Coire  an  t-saoghail 

Cha  naidheachd  do  luchd-leughaidh  na 
duilleig  so  gu'n  do  chruthaich  Dia  an  duine 
le  saor-thoil  roghainn  a  dheanamh  de'n 
mhath  no  de'n  olc.  Uime  sin,  ma  ni  daoine 
dearmad  air  lagh  Dhe,  car  son  a  gbeibheadh 
iad  oilbheum  an  Dia  an  am  na  diachainn  ? 

Ach  's  e  cnag  na  cuise  gu  bheil  sluagh  an 
t-saoghail  air  am  mothachadh  air  graineal- 
achd  a'  plieacaidh  a  chall.  Ma  chluinnear 
am  facal  peacadh  air  do  bhilibh  their  moran, 
le  mothar  gaire,  nach  'eil  annad  ach  ctiis- 
bhiirta — le  beach  dan  cumhang  nach  gabh 
creidsinn  leis  a'  ghinealaich  ionnsuichte  so  ! 
Ach  's  e  am  peacadh  a  chuir  rioghachdan  an 
sgornan  a  cheile,  agus  an  saoghal  'n  a 
bhreislich.  Chan  'eil  galar  air  thalamh  as 
gabhaltaiche  na'n  t-olc,  no  as  luaith  a 
sgaoile'as.  Falaichidh  e  gnuis  Dhe  bho 
dhaoine.  Chan  'eil  e  'n  a  ionghnadh  gu'm 
biodh  ain-diadhachd  ann  an  saoghal  's  am 
bheil  a  leithid  a  shannt  's  a  shuarachas,  a 
dh'  an-iochd  's  a  dh'  ainneart. 


DAORSA  AGUS  DQCHAS 


Bha  riamh  tuilleadh  's  a  choir  a  hiach  air 
a  chur  air  rudan  aimsireil.  Chan  'eil  mi  a' 
ciallachadh  nach  bu  choir  do  gach  neach  a 
bhi  suimeil,  ctiraraach,  dichiollach,  deanad- 
ach,  ach  an  uair  a  leughas  mi  comhairle  o 
dhaoine  a  tha  gabhail  orra  fhein  a  bhi  glic, 
mil  chaomhnadh  's  mu  chiiram,  saoilidh  mi 
nach  'eil  iad  fhein  a'  toirt  fainear  cho  doirbh 
's  a  tha  e  moran  a  chiir  mxi  seach  air  tighinn- 
a-steach  beag.  'S  e  am  buileachadh  a  ni  an 
cruinneachadh,  ach  tha  ro-chiiram  an  t-saogh- 
ail  so  agiis  mealltaireachd  beartais  a'  much- 
adh  an  fhacail  agus  a'  cruadhachadh  a' 
chridhe. 

Tha  mi  smaointeachadh  nach  teid  duine 
ciallach  sam  bith  as  aicheadh  gu  bheil 
dichuimhne  air  Dia,  dimeas  air  a  reachdan, 
air  a  sgriobhadh  an  litrichean  lasrach  air 
aghaidh  an  t-saoghail  'n  ar  latha-ne,  agns 
gur  e  ro-chiiram  an  t-saoghail,  no  goimh, 
gamhlas,  mi-bheus,  ana-measarrachd,  no  a 
h-uile  gin  dbiubh  le  cheile,  is  mathair- 
aobhair  dha'n  chulaidh-uamhais  so.  Tha 
an  Sgriobtur  ag  radh :  "  Ach  air  bhi  do'n 
ana-miann  torrach,  beiridh  e  peacadh,"  ach 
tha  e  ag  earail  oirnn  cuideachd  gur  e  "  gaol 
an  airgid  freumh  gach  uilc." 

Cungaidh-leighis  an  t-saoghail 

Cha  robh  leasachadh  a  thainig  air  Clann 
Israeli  riamh  nach  robh  air  a  ghineamhuinn 
a  aithreachas — aithreachas  an  toiseach,  leas- 
achadh 'n  a  dheidh.  Ach  mo  thriiaighe  ! 
's  e  aithreachas  an  rud  mn  dheireadh  tha  air 
aire  luchd-aiteachaidh  an  domhain.  Agus 
am  feum  a  tha  aig  an  t-saoghal  air  aithre- 
achas !  "  Agus  thug  mi  fos  dhuibh  gloine 
fhiacal  'n  'ur  n-uile  bhailtean,  agus  gainne 
arain  ann  'ur  n-uile  luchairtean:  gidheadh 
cha  do  phill  sibh  riumsa,  deir  an  Tighearna. 
Mharbh  mi  'ur  n-6ganaich  leis  a'  chlaiclhe- 
amh :  gidheadh  cha  do  phill  sibh  riumsa, 
deir  an  Tighearna." 

Sgriobh  Amos  na  briathran  so  o  chian, 
ach  nuair  a  bheir  thu  fainear  gu'm  faoidteadh 
an  sgriobhadh  an  drasda,  nach  cuir  iad 
sgrath  air  do  chridhe  ? 

An  clachan  beag  's  a'  Ghaidhealtachd  aon 
fheasgar  a  bha  sud,  bha  tamhasg  a'  cur  uime 
's  e  dol  gu  cuirm  's  an  tigh-sgoile.  Cha  robh 
a  mhathair  ach  diombach  dheth,  's  thxxirt  i 
ris,  "  Amadain  ghoraich,  le  t'  othail  gun 
doigh  ort  !  " 

"  Bidh  gu  leoir  ann  a  bharrachdormsa," 
ars  esan. 

"  Bithidh,"  ars  ise,  "  ach  cha  bhi  duine 
de  shluagh  Dhe  ann." 

"  Cha  bhi,"  flireagair  e,  "  's  cha  bhi 
iarraidh  orra  ann  !  " 


Bheir  oilltealachd  an  t-saoghail  oirnn 
smaointeachadh  uaireanan  nach  'eil  moran 
iarraidh  air  sluagh  Dhe  an  diugh.  Gidheadh 
cha  d'fhag  Dia  e  fein  gun  fhianuis,  agus  tha 
iarmad  sluagh  an  Tighearna  na's  lionmhoire 
na  shaoileamaid,  is  tha  feum  gu  bheil  ! 
Cho  math  's  gu  bheil  laghannan,  reachdan, 
is  foghlum,  chan  iad  a  bhuilicheas  saoghal 
ui'  oirnn.  Chan  iad,  ach  an  cridhe  nuadh  ! 
"  Ma  tha  neach  sam  bith  ann  an  Criosd,  is 
creutair  nuadh  e." 

'S  an  oidhche  cheo  a  tha  nis  'g  ar  cuart- 
achadh,  tha  sinn  buailteach  air  a  bhi  air  ar 
beo-ghlacadh  le  diobhail  misnich.  'S  e 
gearan  ar  n-iirnuigh,  "  Cia  fhad,  O  Thigh- 
earna,  a  ghlaodhas  sinn,  agus  nach  eisd  thu ; 
a  ghlaodhas  sinn  riut  air  son  foirneirt,  agus 
nach  saor  thu  ?  " 

Ach  na  saoileadh  neach  sam  bith  gu  bheil 
lamh  an  Tighearna  air  dol  an  giorrad,  air 
chor  agus  nach  fhaod  i  te^rnadh,  no  nach 
'eil  e  a'  gabhail  suim  do'n  sgrios  's  do'n 
stri,  do'n  chath  's  do'n  chasgairt,  a  ta  cur 
an  t-saoghail  air  bhoil.  Nuair  a  chual  an 
saoghal  ceol  an  t-soisgeil  air  tiis,  cha  b'ann 
do  dhaoine  ceacharra,  ceannairceach,  baoth, 
baoghalta,  bha  sith  air  a  gealltainn.  Cha 
b'ann,  ach  dhaibhsan  aig  an  robh  deagh- 
ghean  'n  an  cridhe.  Rithisd,  cha  b'ann  o 
bhruadar  na  h- oidhche  idir  a  bha  an  gealladh 
so ;  's  e  cuideachd  mhor  a  dh'  armailtean 
neimh  a  dh'  fhoillsich  e.  Agus  theid  a 
choimhlionadh  mean  air  mhean  gus  am  bi 
an  talamh  air  a  chomhdach  le  sith. 

Ar  Tearmunn. 

ISTa'm  b'ann  do  mhortairean,  do  mheirlich, 
do  chealgairean,  no  dhaibhsan  a  tha  caithe- 
adh  am  beatha  ann  an  seacharan,  a  bha  sith 
air  a'  gealladh,  bhiodh  fath  gearain  aig  an 
t-saoghal.  Ach  's  ann  dh'  ionnsuidh  a  chridhe 
a  ta  air  ath-nuadhachadh,  is  an  spioraid 
iriosail,  a  thig  sith  Chriosd  gu  bog,  balbh. 
0  chualas  fuaim  aoibhneach  an  t-soisgeil  an 
toiseach,  chuir  sluagh  mor  nach  gabh  aireamh 
am  muinighinn  ann,  's  cha  do  chuireadh  gu 
naire  iad.  'S  e  luchd-fochaid,  ag  imeachd 
a  reir  an  ana-miann  feiii,  a  bha,  's  a  tha, 
's  a  bhitheas  ag  radh, ' '  C'ait  am  bheil  gealladh 
a  theachd  ?  " 

Is  e  Dia  ar  tearmunn  agus  ar  neart  ! 

Nuair  a  philleas  clann  nan  daoine  ri  Dia, 
bidh  cothrom  aig  a'  Chruithear  air  a  rim  a 
choimhlionadh,  agus  thig  sith  is  deagh- 
ghean  'n  a  chois. 

"  Air  son  na  straic  a  bh'  oirnn  an  dl, 
Do  thrdcair  air  do  shluagh,  a  DM  !  " 


Eilean  mo  ghaoil 

Eilean  mo  ghaoil ;  is  caomh  learn  eilean  mo  ghraidh 


CHA  toigh  learn  a  bhi  cluinntinn  aon  d'a 
cloinn  fhein  a'  cur  sios  air  Breatunn,  gu 
sonruichte  anns  na  laithean  so,  an  uair  a 
tha  an  t-adhar  air  chrith,  a  la  agus  a  dh' 
oidhche,  le  guthan  feargach  a'  seideadh 
bhagraidhean  oirnn  agus  a'  maoidheadh  ar 
sgrios. 

Tha  am  fhein  aig.gach  ni  fo  neamh;  an 
am  cogaidh  tha  e  mar  fhiachaibh  air  a  h-uile 
duine  ceart  a  ghaol,  agus  a  dhilseachd,  agus 
a  shaothair,  a  thoirt  do'n  mhathair  a  dh' 
araich  e,  agus  c6  a  mhathair  eile  am  measg 
uile  rioghachdan  an  domhain  a  bheathaich 
agus  a  chomhdaich  agus  a  theagaisg  a  clann 
na's  f  hearr  na  Breatunn  ? 

Aig  am  freagarrach  bithidh  cothrom  gu 
leoir  againn  uile  air  ar  fianuis  a  thogail  an 
aghaidh  rud  air  bith  a  tha  sinn  an  duil  a  tha 
cearr  aim  an  riaghladh  Bhreatuinn,  aig  an 
tigh  no  anns  na  duthchanna  thall,  ach  gus 
am  faigh  sinn  fuasgladh  o'n  chas  agus  o'n 
teanntachd  anns  a  bheil  sinri  f hathast,  biodh 
gach  guth  'n  a  thosd  ach  a  mhain  guthan 
baigheil  as  urrainn  misneach  agus  comh- 
fhurtachd  agus  treorachadh  a  thoirt  do'n 
t-sluagh. 

Coma  leam  an  seorsa  dhaoine  a  tha 
daonnan  cinnteach  gu  bheil  Breatunn  cearr 
ann  an  cuis  air  bith  a  thig  eadar  i  fhein 
agus  rioghachdan  eile,  agus  coma  leam 
ministearan  a  bhios  a'  teagasg  gu  bheil  e 
na's  criosdaile  dhuit  an  cinneadh-daonna 
a  ghradhachadh  na  do  dhaoine  agus  do 
dhiithaich  fhein.  Sin  rud  nach  'eil  mise  a' 
creidsinn ;  chan  'eil  ann  ach  sgeamlain  a  tha 
a'  tighinn  a  mach  a  inntinnean  ceothar. 
Chan  'eil  anns  a'  chinneadh-daonna  ach 
"  facal,"  facal  no  fuaim  nach  toir  ort  dad 
a  dheanamh,  mur  sil  thu  deoir  dhiomhain 
an  uair  a  chluinneas  tu  gu  bheil  an  cinneadh- 
daorma  uile  air  an  saruchadh  le  ain-tighearnas 
dhaoine  an-iochdmhor  (ciod  air  bith  a  tha 
sin  a'  ciallachadh,  ma  tha  e  a'  ciallachadh 
dad),  ach  chan  e  "  facal  "  a  tha  ann  ad 
chuideachd,  no  ann  ad  dhaoine,  no  ann  ad 
dhiithaich  fein,  ach  "  fuil  agus  feoil  "  ;  full 
agus  feoil  as  aithne  dhuit,  air  chor  agus 
gu'm  feum  thu'ni-eigin  a  dheanamh  ma  tha 
f  hios  agad  gu  bheil  iad  acrach,  no  lomnochd, 
no  ann  an  cas  air  bith. 

Chan  'eil  naire  ormsa  a  radh,  ma  ta,  gu 
bheil  gaol  agam  air  mo  dhiithaich  fhein  nach 
'eil  agam  air  diithaich  eile  fo'n  ghrein;  no 
naire  orm  a  radh  gu  bheil  m'iomguin  mu 


chor  Bhreatuinn  anns  na  laithean  so  agus 
amis  na  bliadhnachan  a  tha  air  thoiseach 
oirnn  na's  mo  na  m'iomguin  mu'n  chinneadh- 
daonna.  Cha  ruig  gaol  do  d'  dhiithaich 
fhein  a  leas  do  dheanamh  suarrach  air 
duthchanna  eile,  no  neo-dhileas  do'n  chinn- 
eadh-daonna. 

Eilean  mo  ghaoil ; 

Is  caomh  leam  eilean  mo  ghraidh. 

Rachainn  na  b'fhaide  agus  theirinn  gu 
bheil  Breatunn  na's  airidhe  air  gaol  agus 
urram  a  cloinne  na  diithaich  eile  fo  na 
speuran.  Ged  rinn  i  iomadh  rud  anns  na 
laithean  a  dh'fhalbh  nach  bu  mhaith  leinn 
a  bhi  air  ar  ceasnachadh  umpa,  c6  an 
rioghachd  aig  a  bheil  eachdraidh  fhada 
nach  do  rinn  iomadh  rud  nach  bu  mhaith 
leatha  a  dheanamh  a  ris  ?  Agus  a  thuilleadh 
air  sin,  na  nithean  a  tha  sinne  a'  faicinn 
cearr  aig  an  am  is  e  coguis  Bhreatuinn 
fhiin  a  leig  fhaicinn  dhuinn  gu  robh  iad 
cearr.  Ach  ma  bha  i  cearr  air  uairean,  bha 
i  na  bu  bhitheanta  ceart  agus  fialaidh  agus 
caomhail  'n  a  riaghladh  thairis  air  a  h-ioch- 
darain  anns  na  dtithchanna  thall. 

Ged  tha  iompaireachd  Bhreatuinn  a  'ruigh- 
inn  gu  criochan  an  domhain,  agus  a'  gabhail 
a  steach  a'  cheathramh  cuid  de'n  t-saoghal, 
chan  'eil  ann  am  Breatunn  fhein  ach  eilean 
beag.  Tha  Sumatra  a  thug  lapan  o'n  Olaind 
ann  an  tri  seachduinean  a  dha  uiread  ris ; 
tha  Borneo,  as  an  do  chuir  i  a  mach  sinn 
fhein  ann  an  iiine  bu  lugha,  a  thri  uiread  ris 
agus  an  corr;  tha  New  Guinea  far  a  bhail 
iad  fhein  agus  na  h-Americanaich  a'  tapaid 
f hathast  a  cheithir  uiread  ris.  Ach  tha  an 
t-eilean  beag  so  nach  motha  na  drochaid- 
bata  an  coimeas  ri  farsuingeachd  dhuthch- 
anna  eile  a'  riaghladh  barrachd  de'n  t-saoghal 
na  tha  America  agus  a'  Ghearmailt  agus 
Ruisia  ged  is  mor  agus  is  l^idir  iad.  Sin  aon 
a  dh'  ionghnaidhean  an  t-saoghail. 

Ann  an  sgoil  an  Saskatchewan  bha  balach 
beag  Innseanach  a'  sealltuinn  air  map  an 
t-saoghail.  "  C  aite,"  ars  esan,  "  a  bheil 
Breatunn  ?  "  Chuir  am  maighstir-sgoile  a' 
mheur  air  spot  beag  dearg  air  a'  mhap,  cho 
beag  's  nach  robh  am  balach  a'  creidsinn 
uile  gu  leir  gur  e  Breatunn  a  bha  ann. 
"  O,"  ars  esan,  "  nach  e  na  sgiobairean  a 
bhios  a'  dol  a  Canada  do  Bhreatunn  a  dh' 
fheumas  a  bhi  maith  'n  an  leirsinn  an  uair 
a  theid  aca  air  Breatunn  f haotainn  gun  dol 
seachad  air  gun  f  hios  daibh. 


EILEAN  MO  GHAOIL 


Ciamar  a  thachair  an  rud  iongantach  so, 
gu  bheil  lompaireachd  cho  mor  aig  eilean 
cho  beag  ?  Sin  ceist  nach.  'eii  furasd  a 
fuasgladh ;  an  uair  a  their  thu  fichead  rud 
ceithir-thimchioll  oirre  tha  fichead  rud  eile 
a  dh'fhaodadh  tu  a  radh  a  bhiodh  a  cheart 
cho  fior.  Ach  ann  am  fuasgladh  air  bith  a 
nithear  air  a'  cheist  tha  mi  an  dtiil  gu'm 
feumar  am  facal  so  a  chuimhneachadh,  Mo 
chruas,  mo  luathas,  mo  laidireachd  fhein. 

Chan  e  sannt  righrean  Bhreatuinn  air 
fearann  a  thug  dhuinn  an  oighreachd  bhreagh 
a  bhuineas  dhuinn,  no  gliocas  luchd-riaghlaidh 
a  bha  fada  's  a'  cheann,  ged  a  dh'fheumar  an 
da  aobhar  sin  a  chur  am  measg  nan  aobharan 
eile,  ach  cruas,  agus  luathas,  agus  laidireachd 
a'  Bhreatunnaich  fhein  troimh  na  linntean. 

Tha  a'  mharachd  agus  an  sgiobaireachd  ann 
am  fuil  ar  daoine-ne  gu  nadurra ;  cha  toigh 
leo  a  bhi  mar  chaoraich  ann  am  fang ;  tha 
iad  ag  iarraidh  cead  an  coise,  oir  tha  gaol 
aca  air  a  bhi  siubhal,  agus  chan  'eil  eagal 
orra  a  bhi  leo  fhein,  no  eagal  roimh  shamhch- 
air  an  fhasaich,  no  roimh  theas  no  fuachd. 

A  thuilleadh  air  sin  tha  gaol  aca  air 
airgiod,  agus  air  malairt,  agus  air  riomhadh, 
agus  an  uair  a  fhuair  iad  a  mach  gu'n  gabhadh 
fortan  a  dheanamh  an  aitean  iomallach  an 
t-saoghail  cha  bu  leasg  leo  cruadal  fhulang 
agus  cuing  a  ghitilan  fad  bhliadhnachan  air 
ghaol  seasamh  a  bhi  aca  am  measg  mhaithean 
na  diithcha  an  deireadh  an  laithean.  Gaol  na 
marachd,  agus  gaol  na  marsantachd ;  gaol  a 
bhi  dol  air  ghaisge,  agus  gaol  a  bhi  a'  riaghl- 
adh  dhaoine  eile  (no  ri  sgiobaireachd) ;  sin  a 
thug  air  mic  Bhreatuinn  an  dachaidhean 
f  hagail,  limi  as  deidh  linn,  gus  mu  dheireadh 
nach  mor  gu  bheil  aite  air  an  t-saoghal  anns 
nach  fhaic  thu  uaigh  Breatunnaich. 

Ach  ge  b'e  aite  d'an  rachadh  Breatunnach 
cha  deachaidh  e  ann  riamh  ach  mar  Bhreat- 
unnach,  agus  cha  saoileadh  e  gu'm  bu  rud 
neonach  e  dha  bratach  a  dhuthcha  a  thogail 
ris  an  t-soirbheas,  agus  Breatunn  Ur  no 
Gleann  Garaidh,  a  ghabhail  mar  ainm  air, 
a  chionn  gu'n  robh  e  fhein  a'  fuireach  ann. 
Am  bitheantas  bhiodh  e  fhein  agus  naisinn 
an  aite  reidh  ri  cheile,  is  bha  buannachd  ann 
dhaibhsan  e  bhi  'n  am  measg,  agus  air  an 
ceann.  Theagamh  nach  biodh  fios  aig  luchd- 
riaghlaidh  Bhreatuinn  gu  robh  a  leithid  de 
dhuine  air  an  t-saoghal,  no  fios  c'  aite  an 
robh  an  t-eilean  ud  air  a'  mhap,  ach  tha 
Breatunn  cho  dileas  d'a  cloinn  's  a  tha 
iadsan  dileas  d'  am  mathair,  agus  na'n 
ruigeadh  fathunn  Lunnainn  gu  robh  eucoir 
air  a  dheanamh  air  aona  Bhreatunnach  an 
eilean  onrachdach  anns  a'  Phacific,  ann  an 
ceithir  uaire  fichead  bhiodh  soitheach-cogaidh 


air  a  cur  air  falbh  'g  a  dhion  agus  a.  sheasamh 
a  choirichean,  ged  chosdadh  e  muillean  do'n 
rioghachd. 

Ach  ciod  air  bith  an  doigh  anns  an 
d'f  huair  sinn  ar  n- lompaireachd  tha  i  againn, 
agvis  chan  'eil  aobhar  air  bith  againn  a  bhi  a' 
gabhail  ar  lethsgeil  gu  bheil,  no  naire  a  bhi 
oirnn  nach  'eil  sinn  'g  a  riaghladh  gu  cothrom- 
ach.  Cha  mho  a  leigeas  sinn  a  leas  naire  a  bhi 
oirnn  a  radh  an  eisdeachd  an  t-saoghail  uile 
gu  bheil  sinn  a'  dol  a  chumail  na  h- lompaire- 
achd gun  bhriseadh  cho  fad  's  a  ghabhas  sin 
deanamh.  Duine  no  duthaich  anns  nach  'eil 
de  sprachd  no  de  dhuinealas  's  gu'n  dion  iad 
an  cuid,  ciod  a  tha  annta  ach  por  a  tha  dol 
aog  ! 

Tha  moran  naimhdean  aig  lompaireachd 
Bhreatuinn  an  diugh  am  muigh  agus  a  stigh,- 
ach  ged  tha  cuid  de'n  naimhdeas  sin  ag 
eirigh  o  fharmad,  tha  cuid  eile  dheth  ag 
eirigh  o'n  bhreislich  a  tha  ann  an  cinn 
mhorain  d'  ar  daoine  fhein,  breisleach  a  tha 
toirt  orra  a  bhi  a'  saoilsinn  nach  'eil  coir  aig 
duine  no  aig  rioghachd  air  rud  air  bith  a 
bhi  aca  mur  bheil  e  aig  daoine  agus  aig 
rioghachdan  eile  mar  an  ceudna,  agus  nach 
gabh  sith  cumail  anns  an  t-saoghal  gus  am 
bi  ionmhas  agus  toradh  na  talmhainn  air  an 
roinn. 

Tha  boinne  de'n  fhlrinn  anns  na  facail  sin, 
am  beul  dhaoine  anns  a  bheil  gliocas  agus 
coguis  bheo,  ach  am  beul  dhaoine  aig  a  bheil 
inntinnean  ceothar  chan  'eil  annta  ach  cainnt 
a  chuireas  air  seachran  iad.  Tha  ionmhas  an 
t-saoghail  agus  toradh  na  talmhainn  air  an 
roinn  cheana,  o  chionn  nan  ceudan  agus  nam 
mlltean  bliadhna,  agus  tha  iad  'g  an  roinn 
as  ur  gun  sgur,  cho  cinnteach  ri  lionadh  agus 
traghadh  na  mara.  Cha  robh  agus  cha  bhi 
am  an  eachdraidh  an  t-saoghail  anns  an  robh 
a  h-uile  rioghachd  toilichte  leis  an  roinn  sin, 
ach  CO  a  bhiodh  'n  a  bhreitheamh  cothromach 
air  a'  chuis  ?  Och,  oeh ;  chan  'eil  e  cho 
furasda  an  saoghal  a  riaghladh  gu  sitheil  no 
toradh  na  talmhainn  a  roinn  gu  cothromach 
's  a  tha  daothe  an  diiil. 

An  uair  a  their  daoine  aig  a  bheil  inntinnean 
ceothar  gu'm  feumar  ceartas  a  dheanamh,  no 
gu'm  feumar  an  aona  cothrom  a  thoirt  do'n 
h-uile  duine,  no  gu'm  feumar  inntinn  Chriosd 
a  ghabhail  mar  ar  n-urrainn  ann  an  ctiisean 
riaghlaidh  an  t-saoghail,  tha  iad  an  diiil  gu'n 
d'thubhairt  iad  rud  mor,  agus  rud  glic,  agus 
rud  diadhaidh.  Ach  is  e  an  fhlrinn  nach 
d'thubhairt  iad  dad  idir;  chan  'eil  'n  an 
cainnt  ach  fuaim  agus  gliongarsaich,  oir  is  ,^ 
e  bun  a'  ghnothuich,  nach  'eil  agus  nach  bi  -m 
aonachd  anns  an  t-saoghal  air  na  ceistean 
sin,  Ciod  e  ceartas,  no  ciod  i  inntinn  Chriosd, 


EILEAN  MO  GHAOIL— ANNS  A'  CHATHAIR 


no  ciod  a  tha   "  an  aona  chothrom  do  na 
h-uile  "a'  ciallachadh. 

An  abradh  tu  gu'n  cordadh  Winston 
Churchill  agus  Hitler  air  a'  cheist,  ciod  a 
bhiodh  ceart  agus  cothromach  eadar  Breat- 
unn  agus  a'  Ghearmailt,  ged  chumadh  tu 
iad  glaiste  ann  an  seomar  fad  choig  bliadhna  ? 

An  cual  thu  duine  riamh  ag  radh  gur  e 
eucoir  a  bu  mhaith  leis-san  a  dheanamh,  no 
nach  robh  e  air  son  inntinn  Chriosd  a 
leantuinn,  no  Ian  chothrom  a  thoirt  do 
dhaoine  eile  ?  Tha  1,000,000,000  duine  anns 
an  t-saoghal  an  diugh  ag  iarraidh  ceartas  a 
bhi  air  a  dheanamh  eadar  duine  agus  duine, 
is  eadar  rioghachd  agus  rioghachd,  agus  a 
bheachd  fhein  aig  gach  aon  dhmbh  a  thaobh 
ciod  a  tha  ceart. 

Ach  gus   an  tig  an  la  anns   an  caill  ar 


daoine-ne  an  cruas  agus  an  luathas  agus  an 
laidireachd  a  tha  'n  an  gne  agus  'n  am  fuil, 
cumadh  Breatunn  greim  teann  air  a  h- 
iompireachd  f  harsuing  agus  air  an  oiglireachd 
bhreagh  a  choisinn  a  clann  dhi  le'n  saothair 
agus  le  'm  fallus,  oir  cha  bhiodh  buannachd 
ach  call  ann  do'n  t-saoghal  na'n  gabhadh 
rioghachd  air  bith  eile  a  h-aite.  Na  biodh 
naire  oirnn,  ma  ta,  air  son  ar  riaghlaidh  anns 
na  duthchanna  thall,  oir  ged  bha  e  chum 
buannachd  dhuinn  fhein,  bha  e  chum  buann- 
achd dhaibhsan  cuideachd.  An  robh  seorsa 
dhaoine  riamh,  le'n  gabhail  thar  a  cheile, 
a  b'onoraiche  agus  a  bu  chearta,  agus  a  bu 
neo-thruaillidhe  'n  an  riaghladh  na  na  gillean 
oga  a  bha  sinn  a  cur  a  mach  do  na 
h-Innsibh  an  Ear  ? 

Eilean  mo  ghaoil ;  is  caomh  learn  eilean  mo 
ghrdidh. 


Anns  a'  Chathair 


CHAN  'eil  ball  de'n  chorp  leis  nach  faod 
duine  peacachadh;  le  shiiil,  le  laimh,  le  chois, 
ach  chan  'eil  ball  eile  de'n  chorp  a  tha  toirt 
air  daoine  tuisleachadh  cho  trie  ris  an 
teangaidh.  Chan  ionghnadh  ged  thubhairt 
an  t-abstol  Seumas  gur  saoghal  a  dh'aingidh- 
eachd  an  teanga ;  agus  gu'n  salaich  i  an  corp 
gu  h-iomlan.  Ciod  a  b'urrainn  thu  a  radh  mu 
dhuine  air  bith  na's  miosa  na  gu  bheil  teanga 
shalach  aige  ? 

Tha  fichead  doigh  anns  am  faod  neach 
peacachadh  le  theangaidh ;  mionnan,  cul- 
chaineadh,  draosdachd,  toibheum,  ach  is  e 
an  doigh  anns  an  trice  a  tha  daoine  a' 
peacachadh  le'n  teangaidh,  gu'm  bi  iad  ag 
innseadh  bhreug. 

Tha  mionnan  agus  mallachadh  uamhasach 
gu  leoir  ach  tha  breugan  seachd  uairean  na's 
miosa.  Faodaidh  dochas  a  bhi  agad  gu'n 
cuir  a  mhionnan  fhein  uiread  uamhais  air 
fear  nam  mionn  la  air  chor-eigin  's  gu'n  stad 
e  dhiubh,  ach  cha  chuir  am  breugan  fhein 
uamhas  air  luchd  nam  breug ;  is  ann  a 
bhios  iad  a'  deanamh  uaill  asda,  agus  air  a' 
cheann  mu  dheireadh  tha  a'  bhi'eug  cho 
maith  leo  ris  an  fhirinn. 

Ged  nach  maith  an  rud  e  ann  an  duine  air 
bith  a  bhi  cas  'n  a  nadur,  no  trom  air  an 
deoch,  no  leasg  gu  obair,  no  aotrum  'n  a 
sheann  aois,  faodaidh  na  failingean  mora  sin 
a  bhi  ann  an  daoine  anns  am  bheil  iomadh 
rud  a  tha  grinn  is  maith,  ach  an  uair  nach 
'eil  an  fhirinn  anns  an  taobh-a-stigh,  agus  a 


tha  duine  air  a  thoirt  suas  do  na  breugan, 
tha  spiorad  an  Tighearna  'ga  fhagail. 

Ubhlan  groda. 

Gle  bhitheanta  chi  sibh  ubhlan  agus  meang 
annta,  spot  beag  a  tha  fas  bog,  ach  chan  'eil 
am  meang  a'  dol  a  steach  ro  fhada  agus 
gabhaidh  iad  itheadh  maith  gu  leoir.  Sin 
mar  a  tha  a'  mhor-chuideachd  de  dhaoine  air 
thalamh;  tha  meang  annta  ach  air  a  shon 
'sin  tha  fallaineachd  annta  cuideachd,  agus  is 
urrainn  do  Dhia  feum  a  dheanamh  dhiubh 
ann  an  obair  aii  t-saoghail  agus  ann  an  obair 
na  h-eaglais.  Ach  tha  na  breugairean  coltach 
ri  iibhlan  a  tha  grod  a  dh'  ionnsuidh  a  chridhe, 
iibhlan  nach  gabh  bias  a  chur  orra  ciod  air 
bith  a  ni  thu  riii,  agus  anns  nach  'eil  feum 
air  bith  ach  a  bhi  air  an  tilgeil  air  an  diman. 

Tha  an  t-abstol  Eoin  a'  cur  nam  breug 
air  an  aon  ghad  ris  na  peacaidhean  oillteil 
so  ;  mort,  striopachas,  druidheachd,  iodhol- 
aoraidh,  agus  am  measg  nan  daoine  a  tha 
e  ag  radh  nach  fhaigh  a  steach  do  neamh 
tha  e  ag  ainmeachadh  "  gach  neach  a 
ghradhaicheas  agus  a  ni  bretig." 

Tha  am  Biobu.ll  ag  radh  gur  e  Satan  athair 
nam  breug,  air  chor  agus  gu'm  faodar  a  radh 
ann  an  da  rireadh  gur  h-e  clann  Shatain  a 
tha  anntasan  a  bhios  ag  innseadh  bhreug.  . 
Is  e  Satan  a  dh'  innis  a'  cheud  bhreug  air 
a  bheil  cunntas  againn,  an  uair  a  thug  e  air 
Eubh  a  chreidsinn  nach  eireadh  olc  dhi  ged 
a  dheanadh  i  an  rud  a  thoirmisg  Dia.     Agus 


6 


ANNS  A'  CHATBA.IR— AIG  AN  UINNEIG 


is  e  Cain  a  dh'  innis  an  ath  bhreug  anns  a' 
BhiobuU ;  nach  e  sin  an  dithis  mu  dheireadh 
air  an  t-saoghal  a  bu  mhaith  leat  an  eisiom- 
plair  a  leantuinn,  Satan  agus  Cain ! 

Naidheachdan  uamhasach. 

Ann  am  Facal  an  Tighearna  tha  da  naidh- 
eachd  uamhasach  air  an  innseadh  mix  dhaoine 
air  an  tug  Dia  breitheanas  air  son  nam  breug  ; 
Gehasi  anns  an  t-Seann  Tiomnadh,  is  Ananias 
agus  Saphira  anns  an  Tiomnadh  Nuadh. 
Theagamh  gu  bheil  daoine  anns  an  t-saoghal 
an  diugh  a  tha  cheart  cho  neo-choguiseach 
agus  cho  breugach  ri  Gehasi  no  ri  Ananias, 
ach  a  tha  faotainn  led  gun  bhreitheanas  air 
bith  a  thighinn  orra,  ach  ged  tha  Dia  faidh- 
idinneach,  agus  ged  nach  'eil  e  a'  toirt 
luigheachd  dhuinn  a  reir  ar  n-eucearta, 
bithibh  cinnteach  gur  e  tuarasdal  a'  pheac- 
aidh  daonnan  am  bas  ;  bag  an  anma,  bas  nan 


uile  bhuadhan  maith  is  uas/al  a  chuir  Dia  ann 
an  anam  an  duine. 

Tha  cuid  de  bhreugan  ann  is  miosa  na 
cheile ;  cha  b'  urrainn  Satan  fhein,  athair 
nam  breug,  breug  a  bu  dalma  innseadh  na 
bhreug  a  dh'  innis  Ananias  do  Pheadar.  Dh' 
fheuch  e  ris  a'  char  a  thoirt,  chan  e  mhain  as 
na  h-abstoil,  ach  as  an  Spiorad  Naomh  fein. 
Ach  cha  mheallar  Dia  oir  tha  siiilean  an 
Tighearna  mar  mhile  coinneal,  agus  ranns- 
aichidh  iad  seomraiehean  diomhair  achridhe. 

Cha  b'  aithne  dhomh  a  bheag  de  dhaoine 
riamh  anns  am  faodadh  tu  earbsa  a  chur  ann 
an  nithean  mora  mur  robh  iad  firinneach. 

Tha  na  breugan  cho  duilich  stad  dhiubh 
ris  an  tombaca. 

Is  grainealachd  leis  an  Tighearna  bilean 
nam  breug. 


Aig  an  Uinneig 


'S  learn  oighreachd  bhreagh  nach  gann. 
NACH  ann  aig  an  duthaich  so  a  tha  an 
oighreachd  bhreagh  agus  fharsuing  anns  a' 
Bhiobull  Bheurla,  am  Biobull  air  an  d'oibrich 
iomadh  sgoilear  fad  linntean,  'g  a  liomhadh 
an  sud  agus  'g  a  cheartachadh  an  so,  gus  an 
do  rainig  e  iomlanachd  a  ghloire  an  1611,  an 
uair  a  bha  e  air  a  chur  a  mach  fo  ughdarras 
Righ  Seumas.  Sin  an  leabhar  ris  an  abair 
sinn  am  Biobull  Beurla,  agus  a  dh'aindeoin 
gach  leabhar  eile  a  bha  air  a  chur  an  clodh 
am  Breatunn,  agus  a  dh'aindeoin  gach 
eadar-theangachadh  eile  a  bha  air  a  dhean- 
amh  air  fhein,  sin  an  leabhar  as  maisiche 
agus  as  uaisle  cainnt  ann  an  litreachas  ar 
diithcha.  So  an  dileab  bhreagh  air  a  bheil 
ar  n-6igridh  agus  ar  sgoilean  a'  deanamh 
dearmaid  an  diugh. 

Chan  abair  mi  dad  mu'n  chumhachd  no 
mu'n  tairbhe  a  tha  anns  a'  Bhiobull  mar 
leabhar  naomh  anns  an  d'fhoillsich  Dia  a 
ruintean,  oir  is  e  a  tha  air  m'aire  aig  an  am 
an  call  a  tha  tighinn  air  Breatunn  an  cois 
aineolas  nan  giuealan  oga  air  cainnt  a' 
Bhiobuill,  cainnt  uasal  nach  fhaic  iad  ann 
an  gin  de  na  leabhraichean  eile  a  bhios  iad 
a'  leughadh.  Cha  chluinn  thu  am  measg 
dhaoine  an  diugh  ach  cainnt  bhriste  nan 
iochdaran  air  nach  'eil  bias  no  cumadh, 
agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh  fasaidh 
daoine  coltach  ri'n  cainnt  fhein.  Tha 
"  cainnt  "  a'  dealachadh  mhaithean  agus 
mhithean  cho  cinnteach  ri  dtithchas,  no 
inbhe,  nO'  airgiod. 


Fosgail  am  Biobull  Beurla  an  aite  air  bith, 
agus  tachraidh  a  leithid  so  ort,  Arise,  shine  ; 
for  thy  light  is  come,  and  the  glory  of  the  Lord  is 
risen  upon  thee.  For  behold,  the  darkness  shall 
cover  the  earth,  and  gross  darkness  the  people  : 
but  the  Lord  shall  arise  upon  thee,  and  his  glory 
shall  be  seen  upon  thee.  And  the  Gentiles  shall 
come  to  thy  light,  and  kings  to  the  brightness 
of  thy  rising.  .  .  .  The  sun  shall  be  no  more 
thy  light  by  day  ;  neither  for'^  brightness  shall 
the  moon  give  light  unto  thee  :  but  the  Lord 
shall  be  unto  thee  an  everlasting  light,  and 
thy  God  thy  glory.  Thy  sun  shall  no  more 
go  down  ;  neither  shall  thy  moon  tvithdraw 
itself :  for  the  Lord  shall  be  thine  everlasting 
light,  and  the  days  of  thy  mourning  shall  be 
ended. 

Sin  agad  cainnt  uasal  agus  caiimt  mhais- 
each ;  tha  buaidh  aice  air  a'  chluais  agus  air 
a'  chridhe  a  chluinneas  i. 

Tha  so  a  cheart  cho  fior  mu'n  Bhiobull 
Ghaidhlig  's  a  tha  e  mu'n  Bhiobull  Bheurla. 
Ged  tha  cainnt  chumanta  nan  Gaidheal  gu 
maith  briste  an  diugh  bhiodh  i  na  bu  mhiosa 
na  tha  i  mur  b'e  gu-'n  robh  cainnt  a'  Bhiobuill 
daonnan  ann  an  cluas  agus  ann  am  meomhair 
ar  sluaigh.  Sin  aon  de  na  h-aobhair  nach 
d'fhas  a'  Ghaidhlig  riamh  'n  a  cainnt-cheard 
no  'n  a  cainnt  neo-chumadail  ged  tha  i  gu 
maith  briste  am  beul  an  t-sluaigh. 

Chuir  am  Biobull  Beurla  loinn  agus  dreach 
air  a'  Bhiobull  Ghaidhlig.  Chan  'eil  teagamh 
nach  robh  na  ministearan  a  thionndaidh  am 


AiG  AN  uin:neig 


Biobull  gu  Gaidhlig  air  an  taghadh  air  son 
na  h-oibre  a  chionn  gu  robh  ainm  aca  a  bhi 
maith  air  Eabhra  agiis  air  Greigis,  ach  air 
a  shon  sin,  cha  b'e  an  Eabhra  no  a'  Ghreigis 
a  dh'eadar-theangaich  iad  ach  a'  Bheurla. 
Ma  sheallas  tu  air  Isaiah  60  chi  thii  gu'n  do 
thionndaidh  iad  a'  Bheurla  a  sgriobh  mi 
cheana  air  an  duilleig  so,  facal  air  an  fhacal, 
gu  Gaidhlig,^ — Eirich,  dealraich  ;  oir  thainig 
do  sholus,  agus  tha  gloir  an  TigJiearn  air 
eirigh  ort.  Oir,  feuch,  cdmhdaichidh  dorchadas 
an  talamh,  agus  dall-cheo  na  cinnich  ;  afih 
ortsa  eiridh  an  Tighearna,  chithear  a  gliloir 
a'  dealradh  ort.  Agus  thig  cinnich  dh'ionnsuidh 
do  sholuis,  agus  righrean  dh'ionnsuidh  do 
ghrian-eirigh.  .  .  .  Cha  teid  do  ghrian  tuilleadh 
sios,  ni  mo  dhorchaichear  do  ghealach  ;  oir 
bithidh  an  Tighearn  'n  a  sholus  siorruidh 
dhuit,  agus  crlochnaichear  laithean  do  bhrdin. 

Ann  an  iomadh  doigh  tha  am  Biobull 
Beurla  agus  am  Biobull  Gaidhhg  anabarrach 
coltach  ri  cheile,  'n  an  cainnt  agus  'n  an 
siubhal-fhacal,  ach  tha  iad  daonnan  uasal, 
agus  gheibhear  annta  a'  Bheurla  agus  a' 
Ghaidhlig  as  fhearr  a  bha  riamh  air  an 
sgriobhadh. 

Cha  duine  bochd  duine  aig  a  bheil  an 
oighreachd  bhreagh  so. 

Ged  a  dh'ionnsaich  mi  an  laithean  m'oige 
barrachd  de  na  sailm  air  mo  theangaidh  anns 
a'  Bhiobull  Bheurla  na  dh'ionnsaich  mi  amis 
a'  Bhiobull  Ghaidhlig,  is  ann  anns  a'  Ghaidhlig 
is  fhearr  leam  a  bhi  'g  an  leughadh  dhomh 
fhein  an  diugh,  agus  theirinn  gu  bheil  na 
sailm  air  an  cur  am  meadrachd  an  Gaidhlig 
na's  fhearr  na  tha  iad  air  an  cur  am  Beurla, 
le'n  gabhail  thar  a  cheile.  Gun  dol  na's 
fhaide  na'n  t-salm  (XVI)  as  an  d'thug  mi  am 
facal  air  a  bheil  mi  a'  bruidhinn,  so  mar 
tha  i  a'  dol  anns  a'  Bheurla, 

God  is  of  mine  inheritance 

and  cup  the  portion ; 
The  lot  that  fallen  is  to  me 

thou  dost  maintain  alone. 

Unto  me  happily  the  lines 

in  pleasant  places  fell; 
Yea,  the  inheritance  I  got 

in  beauty  doth  excel. 

Anns  a'  Ghaidhlig  tha  so  air  a  chur  ann 
an  aon  rarin,  rami  as  fhearr  na'n  da  rann 
Bheurla.  An  ath  uair  a  chluinneas  tu  duine 
air  bith  ag  radh  nach  'eil  a'  Ghaidhlig  cho 
cuimir  no  cho  cuimseach  ris  a'  Bheurla,  no 
gu  bheil  na  Gaidheil  na's  briathraiche  na 
daoine  air  bith  eile,  faodaidh  tu  an  rann 
so  aithris  dha.  . 


Cuibhrionn  mo  chup'  is  m'oighreachd  Dia, 
'S  tu  sheasas  dhomh  mo  chrann ; 

An  aitibh  aoibhneach  thuit  mo  lion ; 
'S  leam  oighreachd  bhreagh  nach  gann. 

Ach  tha  rannan  eile  anns  na  sailm  a  tha 
na's  fhearr  am  Beurla  na  tha  iad  an  Gaidhlig, 

The  storm  is  changed  into  a  calm 

at  his  command  and  will. 
So  that  the  waves  which  raged  before 

now  quiet  are,  and  still. 

Then  are  they  glad,  because  at  rest 

and  quiet  now  they  be  ; 
So  to  the  haven  he  them  brings 

which  they  desired  to  see. 

(Psalm  cvii.  29,  30.) 

•  Tha  e  'n  a  chleachdadh  ann  am  Blar 
seirbhis  ghoirid  a  bhi  againn  an  uair  a  tha 
neach  a  shiubhail  'g  a  chur  anns  a'  chiste- 
mhairbh;  agus  far  a  bheil  e  freagarrach  a 
dheanamh,  bithidh  mi  air  uairean  a'  leughadh 
nam  briathran  sin.  Ma  bha  duine  air  a 
leabaidh  uine  fhada,  air  a  chradh  le  plan, 
agus  a'  guidhe  gu'n  tugadh  Dia  fois  dha, 
agus  dochas  diadhaidh  aige  'n  a  chridhe, 
tha  na  briathran  so  freagarrach  agus  caomh- 
ail  an  tigh  a'  bhroin. 

Ach  chan  'eil  mi  an  diiil  gu  bheil  iad  cho 
mills  no  cho  druidhteach  an  Gaidhlig  's  a 
tha  iad  am  Beurla. 

Ghrad  chuireadh  leis  an  stoirm  gu  f  eath, 
'S  na  tuinn  'n  an  tamh  gu  leir, 

An  sin  tha  iad  ro-ait  air  son 
gu  bheil  iad  samhach  beo ; 

'S  gu'n  d'thug  e  iad  do'n  chala  sin,- 
's  do'n  phort  bu  mhiannach  leo. 

Chan  'eil  cuimhne  agam  c6  a  thionndaidh 
gu  Gaidhlig  laoidh  Addison  a  gheibhear  aig 
deireadh  a'  Bhiobuill,  ach  tha  i  cho  maith 
's  nach  biodh  e  furasda  aon  fhacal  innte 
atharrachadh.  Ged  tha  i  a'  leantuinn  na 
Beurla,  facal  air  an  fhacal,  shaoileadh  tu 
gur  e  laoidh  Ghaidhlig  a  bha  innte  o 
thoiseach. 

Air  t'uile  throcair,  0  mo  Dhia, 
trath  dhearcas  mi  gu  dltith 

A'  mosgladh  suas  tha  m'anam  blatli 
le  h-ionghnadh,  gradh  is  cliu. 

An  ceann  liath. 

An  uiridh  bha  iomradh  air  a  dheanamh 
air  an  duilleig  so  air  Uilleam  Mac  Coinnieh, 
an  Tigh-an-Uillt,  a  raiiiig  ceud  bliadhna. 
Tha  bliadhna  eile  air  a  chur  ri  aireamh  a 
laithean  a  nis,   agus  chunnaic  mi  ann_am 


AIG  AN  UINNEIG 


paipear  an  la  roimhe  gu'n  do  chuir  e  port 
no  dha  air  an  fhidhill  an  iiair  a  chaidh. 
coimhearsnaich  agus  ca'rdean  'g  a  fhaicinn 
air  co-ainm  a  la-breith.  Tha  a  shlainte  agus 
a  bhuadhan  cho  maith  's  gu'n  teid  aige  air 
obair  reidh  air  a  shocair  a  dheanamh  anns 
a'  gharadh  an  uair  a  tha  an  t-sid  maith. 
Gu  ma  slan  agus  sona  a  bhios  a  laithean 
deireannach  ! 

Ann  an  Siabost,  an  Leodhas,  shiubhail 
seana  bhantrach  o  chionn  ghorid,  Mairi 
Nic  Leoid,  a  bha  ceithir  bliadhna  thairis 
air  a'  cheud.  Bha  i  deich  bliadhna  fichead 
'n  a  bantraich,  agus  bha  sia  air  fhichead  a 
dh'oghachan  aice,  is  naoi  deug  air  fhichead 
a  dh'iar-oghachan. 

Calum  Mac  Leoid,  nach  maireann. 

Chaochail  an  duine  gasda  so  o  chionn 
ghoirid,  agus  bithidh  ionndrainn  mhor  air 
am  measg  nan  comhearsnach  an  Arnisort, 
agus  anns  an  Eilean  Sgitheanach  air  fad. 
'N  a  oige  chuir  e  seachad  euid  d'a  bheatha 
an  Ceos,  an  Leodhus,  comhla  ris  an  Urram- 
ach  Eoghan  Caimbeul,  caraid  dha  fhein. 
An  deidh  bas  a'  Chaimbeulaich  thill  e  do'n 
aite  anns  an  do  rugadh  e,  far  an  robh  e  mar 
athair  do  dhilleachdain  a  bhrathar.  Is 
iomadh  dilleachdan  agus  bantrach  d'  an 
robh  e  'n  a  chiil-taic. 

Bha  tiidh  mhor  aige  ann  an  obair  na 
h-eaglais ;  bu  bhiadh  agus  bu  dheoch  dha 
a  bhi  a'  deanamh  seirbhis  dhi.  Dh'fhaodadh 
ministearan  agus  luchd-teagaisg  a  bhi  falbh 
's  a'  tighinn,  ach  bha  Cahim  MacLeoid  an 
sud  an  comhnuidh,  a'  giulan  uallach  a' 
choimhthionail.  Duine  maith  agus  duine 
eireachdail. 

Call  do'n  Eaglais  Shaoir. 

LE  bas  an  Ollaimh  Domhnull  Mac  Gill- 
eathain,  chaill  an  Eaglais  Shaoir  aon  de 
na  cinn  a  bu  chomharraichte  a  bha  aice. 
Tha  an  call  a  th'g  air  aon  mheur  de^ii  eaglais 
Chriosduidh  'n  a  eh  all  do  na  meoir  eile  mar 
an  ceudna,  is  tha  moran  dhaoine  an  Eaglais 
na  h-Alba  a  bhios  duilich  gu'n  do  chaill  an 
Eaglais  Shaor  aon  de  na  aithrichean  anns  an 
robh  i  daonnan  ag  earbsadh  air  son  comhairle 


agus  taic.  Bha  Domhnull  Mac  Gill-eathain 
'n  a  dhuine  riauail  agus  'n  a  dhuine  glic, 
agus  eadhon  anns  na  laithean  anns  an  robh 
cuisean  na  h-eaglais  gu  maith  duilich  leis  a' 
chonnspoid  agus  an  laghaireachd  a  bha  eadar 
an  da  thaobh,  cha  d'thubhairt  agus  cha  do 
rinn  e  riamh  dad  a  bheireadh  oilbheum  d'a 
bhraithrean  anns  an  Eaglais  U.F.  Ma's 
maith  mo  bheachd,  cha  robh  gin  eile  de 
mhinistearan  na  h-Eaglaise  Saoire  a  bha  a' 
coinneachadh  cho  trie  ri  ministearan  a 
bhuineadh  do  eaglaisean  eile,  air  buird  agus 
comuinn  anns  am  bi  ea.glaisean  Cleireachail 
ag  oibreachadh  le  cheile,  agus  am  measg  a 
bhraithrean  bha  e  daonnan  glic  'n  a  chomh- 
airle  agus  sitheil  'n  a  chainnt. 

Thug  an  Eaglais  Shaor  dha  a  h-uile  urram 
a  bha  aice  ri  thoirt  seachad  (bha  e  da  uair 
'n  a  Cheann-suidhe  air  an  Ard-Sheanadh) 
agus  an  uiridh  chuir  i  e  'n  a  Ard-Cheann  air 
a'  Chollaist  anns  an  robh  e  a'  teagasg,  ach 
cha  b'fhada  a  mheal  e  an  t-urram  sin. 

Bha  Domhnull  Mac  Gill-eathain  am  measg 
na  triuir  anns  an  Eaglais  Shaoir  aig  an  robh 
seasamh  agus  cliu  anns  an  diithaich  o  chionn 
bhliadhnachan  an  taobh-a-mach  d'an  eaglais 
fhein,  an  dithis  eile  an  t-Ollamh  Alastair 
Stitibhard  nach  maireann  agus  an  t-Ard 
Ollamh  Iain  Mac  Leoid.  Bha  a  thalann 
fhein  aig  gach  aon  dhiubh,  agus  chuir  iad 
uile  gu  buil  mhaith  an  tiodhlac  a  fhuair  iad, 
Alastair  Stiubhard  mar  shearmonaiche,  Iain 
Mac  Leoid  mar  sgoilear,  agus  Domhnull 
Mac  Gill-eathain  mar  Riaghlair.  Bha  e  'n 
a  fhear-gnothuich  'maith  a  thuilleadh  air  a 
bhi  'n  a  dheagh  sgoilear  agus  eolach  air 
eachdraidh  na  h-Eaglais  agus  gu  sonruichte 
air  teagasg  Iain  Chalvin. 

B'  aithne  dhomhsa  Domhnull  Mac  Gill- 
eathain  gu  maith  o  chionn  iomadh  bliadhna  ; 
bha  meas  mor  agam  air,  agus  bhiodh  e 
daonnan  a'  cur  chugam  an  Rdidheachan 
Soisgeulach  a  bha  e  a'  deasachadh.  Bu 
mhaith  leam  a  radh  air  an  duilleig  so  gu'm 
bi  sinne  ann  an  Eaglais  na  h-Alba  'g  a 
ionndrainn  cho  maith  ris  an  Eaglais  Shaoir 
fhein,  oir  bha  taic  'n  a  fhianuis  do  fhirinn 
a'  Bhiobuill,  do  la  an  Tighearn,.  agus  do 
theagasg  soisgeulach  nan  aithrichean. 


An  Laoidheadair 


Seall  a  nise  ciod  a  ni  thu, 
'S  tech  le  dich:oU  dh'ionnsaidh  taice ; 
Eag  do  chudthrom  a'r  do  Rathan, 
Tha  e  ghmath  cho  maith  ri  fhacal. 


Air  do  thurus  do  Chanaain, 
Gad  robh  fasach  Ian  de  chroisean ; 
'S  iomadh  bruthadh  air  do  shailtean, 
Lean-sa  ghnath  ri  lorg  a'  Ghaisgich. 


Aireamh  4 


m^ 


1943 


Gairm  Dhe 


"  Ribhse,  0  fheara,  (ha  mi  ag  iigheach,  agus  tha  mo  ghuth  ri  cloinn  nan  daoine." 

— Gnath-fhocail  viii.  4 


ANN  an  cogadh  1914-18,  air  gacb  balla  agus 
claraidh  anns  gach  ionad  agus  aite  anns 
an  robh  sluagh  a'  cruinneachadh  bha  so 
sgriobhta  ann  an  litrichean  mora,  Tha  feum 
aig  do  righ  agus  do  dhidhaich  ort. 

Chaidh  am  fios  sin  a  mach  troimh  riogh- 
achd  Bhreatuinn  'na  farsuingeachd  agus  do 
thirean  cein  anns  an  robh  na  gillean  a  dh' 
4raich  Breatunn  'g  an  cosnadhv  Bu  leor 
gu  'n  robh  an  righ  agus  an  tir  'g  an  gairm, 
agus  'n  am  ficheadan  mile  ghreas  iad  thar 
cliuantan  a  sheasamh  na  laraich  agus  a 
dhion  cuid  agus  coraichean  Bhreatuinn. 

Chuir  iad  cruadal,  euslaint,  lotan,  agus 
bas,  ann  an  suarachas.  Bha  uachdaranachda 
agus  cumhachda  na  h-aingidheachd  a' 
maoidheadh  agus  a'  bagairt  leir-sgrios  a 
dheanamh  air  s^orsa  agus  ceartas,  agus 
chuir  iad  romhpa  nach  tigeadh  masladh  no 
tamailt  air  tir  an  duthchais  na'n  gabhadh 
e  seachnadh.  Fhreagair  sluagh  gun  aireamh 
a'  ghairm  so. 

Ach  tha  gairm  eile  a'  tighinn  g'  ar  n-ionns- 
aidh  ag  iarraidh  oirnn  cathachadh  le'r  n-uile 
neart  an  aghaidh  namhaid  sheolta  chunnart- 
ach — namhaid  ar  n-anama.  "  Labhair  Dia 
nan  Dia,  lehobhah,  agus  ghairm  e  an  talamh 
o  eirigh  gu  ruig  luighe  greine."  Tha  Righ 
nan  righrean  a'  gairm  dhaoine.  Tha  e  a' 
labhairt  ris  na  h-anama  a  chruthaich  e  fein, 
agus  "  mar  a  thogras  am  fiadh  chum  nan 
sruth  uisge  "  tha  anam  an  duine  an  geall  air 
Dia,  eadhon  an  Dia  beo. 

Tha  iomradh  againn  anns  a'  BhiobuU  air 
daoine  a  chuala  agus  a  fhreagair  gairm  Dhe. 
Bha  Abraham,  Maois,  Samuel,  Eliah,  Daibh- 
idh,  Isaiah,  agus  Pol  de  'n  aireamh,  agus 
anns  gach  linn  tha  miltean  a'  cluinntinn  na 
gairm  cheudna  agus  a'  gabhail  seirbhis 
ann  am  feachd  agus  fo  bhratach  an  Righ 
n^amhaidh. 

Air  ar  n-ainm 

Tha  Dia  'g  ar  gairm  air  ar  n-ainm  fein. 
"Ghairm  mi  thu  air  d'ainm ;  is  leamsa 
thu."  Is  e  caraid  a  mhain  a  ghairmeas  sinn 
air  ar  n-ainm  fein.  An  uair  a  chuireas  sinn 
oidhche    seachad    ann    an    tigh-osda    tha 


sinn  air  ar  n-ainmeachadh  le  fear-an-tighe 
agus  le  sheirbhisich  air  Aireamh  an  t-seomair 
anns  am  bheil  sinn  a'  cadal.  An  uair  a  shuidh- 
eas  sinn  aig  bord  bidh  is  i  a'  cheist  chumanta 
a  chuirear  ruinn — ciod  aireamh  do  sheomair. 
Cha  chluinn  am  priosanach  bochd  ainm  fein, 
ach  tha  e  air  ainmeaehadh  air  aireamh  na 
froig  anns  am  bheil  e  a'  cur  seachad  na 
h-oidhche.  Ach  chan  e  modh  tigh-osda  no 
priosain  a  tha  againn  ann  an  saoghal  Dhe, 
ach  modh  na  dachaidh  far  am  bheil  duine 
air  a  ghairm  leis  an  ainm  a  thug  cairdean 
gradhach  dha.  Seallaidh  na  parantan  air  a' 
phaisde  'na  luighe  ann  an  cadal  neochiontach 
nan  leanaban  agus  le  baigh  agus  bl^thas 
cridhe  earbaidh  iad  e  air  ainm  ri  Dia.  Tha 
esan  a'  sealltuinn  oirnn  uile  le  baigh  agus 
grMh.  Faodaldh  moran  againn  gabhail  mu 
thamh  an  nochd  gun  smuain  air  Dia,  ach 
cha  dhi-chuimhnich  esan  sinne.  "Ghairm 
mi  thu  air  d'  ainm  "  agus  ma  fhreagair  thu 
a'  ghairm  gabhaidh  esan  a  tha  gairm  a 
chaorach  fein  curam  dhiot. 

Air  ainm  i6m 

Tha  Dia  'g  ar  gairm  air  ainm  fein.  "  Their 
mi  ris  an  airde  tuath — thoir  seachad ;  agus 
ris  an  airde  deas — na  ciim  air  ais ;  thoir 
mo  mhic  o  chein  agus  mo  nigheaann  o  chrioch- 
aibh  na  talmhainn ;  eadhon  gach  neach  a  ta 
air  a  ghairm  air  m'  ainmsa."  Chuala  an 
saoghal  uile  ainm  H.  M.  Stanley,  ach  cha  b'e 
so  ainm  air  tus  ach  John  Rowlands.  Rugadh 
e  ann  an  duthaich  nan  Cuimreach,  agus  o'n 
bha  e  gun  chairdean  thogadh  e  ann  an  Tigh 
nam  Bochd.  'Na  thri  bliadhna  deug  chaidh 
e  'na  ghille-gnothaich  air  luing  do  America, 
agus  aig  baile-puirt,  aig  an  do  thadhail  e, 
ghabh  H.  M.  Stanley  mar  uchd-mhac  ris 
agus  thug  an  duine  uasal  so  dha  ainm  fein. 
Chain  e  an  seann  ainm  agus  fo  'n  ainm  ur 
choisinn  e  cliu  ann  an  seirbhis  mara  America. 
Is  ionnan  a  tha  Dia  a'  gabhail  ruinn  mar 
uchd-mhic  agus  a'  toirt  dhuinn  ainm  fein. 
"  Gabhaidh  mise  am  ionnsaidh  sibh,  agus 
bithidh  sibhse  'n  'ur  mic  agus  'nar  nigheanan 
dhomhsa,  tha  an  Tighearn  uile-chumhachd- 
ach  ag  r4dh."  Nach  kvd  an  t-urram  so,  gu'm 
bheil    Dia   a'   sealltuinn   oirnn    agus    'g   ar 


GAIRM  DHE 


gairm,  agus  'g  ar  n-ainmeachadh  air  a  Mhac 
fein. 

Tha  Dia  'g  ar  gairm  chum  saorsa.  Anns 
a'  chogadh  oillteil  a  tha  a'  sgrios  nan  riogh- 
achdan  tha  sinn  fein  agus  na  cairdean  a  tha 
maille  ruinn  a'  creidsinn  gu  'm  bheil  sinn  a' 
cathachadh  air  son  saorsa.  Acb  is  lionmhor 
iadsan  a  tha  saor  ann  an  seagh  aimsireil 
a  tha  'n  an  traillean  hochda  ann  an  seagh 
spioradail.  Is  aithne  do'n  neach  a  tha  ann 
an  glaic  droch  chleachdadh  ciod  a  bha  Pol 
a'  ciallachadh  an  uair  a  labhair  e  air  trailleal- 
achd  a'  pheacaidh.  Is  aithne  do  gach  neach 
a  tha  fo  smachd  peacaidh  gu'm  bheil  e  ann 
am  braighdeanas.  Tha  thu  a'  fuathachadh 
an  ni  uamhasach  a  ghlac  thu,  agus  gach  uair 
a  gheilleas  thu  d'a  chumhachd  tha  thu  air 
do  narachadh.  Tha  eagal  ort  gu  'n  tig  thu 
gu  tamailt  fhollaiseach,  agus  tha  do  choguis 
'g  ad  fhagail  gun  fhios.  Tha  toil  agad  saorsa 
a  chosnadh  ach  chan  'eil  seol  agad  air  do 
shlabhraichean  a  sgaoileadh. 

Ach  an  ni  nach  dean  thu  'n  ad  neart  fein 
ni  thu  le  comhnadh  Dhe.  "  Aomaibh  'ur 
cluas  agus  thigibb  am  ionnsaidh-sa  ;  eisdibh 
agus  mairidh  'ur  n-anam  beo." 

Chan  fhaigh  neach  lamh-an-uachdar  air 
an  deamhan  'n  a  neart  fein.  Ach  tha  aon 
a  ghabh  air  fein  uallach  do  pheacaidh,  agus 
tha  e  fein  ag  radh  gu  'n  d'  thainig  e  "a 
shlanuchadh  na  muinntir  aig  am  bheil  an 
cridhe  briste,  a  ghairm  fuasglaidh  do  na 
braighdibh  agus  aiseag  an  fhradhairc  do 
na  doill,  a  thoirt  saorsa  do  'n  mhuinntir  a 
ta  brtiite."  Tha  moran  a'  togail  fianuis  gu'm 
bheil  losa  a'  coimhlionadh  a  ghealladh,  agus 
ma  tha  toil  agadsa  a  bhi  air  do  thearnadh  o 
pheacadh,  a  chumhachd  agus  a  dhioghaltas, 
chan  'eil  thu  fada  o  shlainte  agus  o  shaorsa. 

Is  e  an  Spiorad  Naomh  a  chuir  an  t-iarrtas 
'n  ad  chridhe,  agus  tha  an  Slanuighear  a' 
feitheamh  ort.  Tilg  thu  fein  air  trocair  Dhe 
ann  an  losa  Criosd.  Aidich  do  pheacadh 
agus  cur  ctil  ris,  agus  tuigidh  tu  gu  'm  bheil 
"  esan  fhinneach  agus  ceart,  chum  ar 
peacanna  a  mhaitheadh  dhuinn  agus  ar 
glanadh  o  gach  uile  neo-fhireantachd." 
Bithidh  thu  saor  a  chionn  "  ma  ni  am  Mac 
saor  sibh,  bithidh  sibh  saor  da-rireadh." 

Gu  naomhachd 

Tha  Dia  'gar  gairm  chum  naomh -ghnaths 
"  chum  nan  uile  a  ta  's  an  Roimh,  air  an 
gradhachadh  le  Dia,  air  an  gairm  'n  an 
naoimh."  Cha  d'  rinn  na  Criosdaidhean  a 
dh'ionnsaidh  an  do  sgriobh  Pol  ach  cul  a 
chur  ri  creideamh  mearachdach  nan  cinneach. 
Bha  fios  aig  an  abstol  nach  robh  iad  saor 
p  pheacadh  agus  'n  a  litrichean  is  e  a  tha 


Pol  a'  ciallachadh — neach  a  bha  dealaichte  o 
dhroch  chleachdannan  an  t-saoghail  mu'n 
cuairt  air  a  chionn  gu'n  robh  coir  aig  Dia  air. 

Cha  robh  na  Criosdaidhean  arms  an 
Roimh  air  an  gairm  a  chionn  agus  gu  'n 
robh  iad  naomh  ach  bha  an  t-abstol  'g  an 
cunntas  naomh  a  chionn  agus  gu  'n  deach 
an  gairm  agus  gu'n  d'  thug  iad  eisdeachd. 
Tha  Dia  'g  ad  ghairm  chum  naomhachd, 
agus  is  e  do  dhleasanas  "  fas  ann  an  gras 
agus  ann  an  eolas  ar  Tighearn  agus  ar 
Slanuighear  losa  Criosd." 

Am  bheil  thu  a'  fas  ann  an  gras  agus 
eolas  an  Tighearn  ?  Am  bheil  thu  dealaichte 
o  'n  t-saoghal  mu  'n  cuairt  ort  ?  Am  bheil 
thu  na's  fhearr  na  bha  thu  ? 

Ach  their  thu — ciamar  a  dh'  fhasas  mi 
ann  an  naomhachd  agus  mi  fein  cho  lag 
agus  buaireadh  'g  am  mhealladh  air  gach 
taobh  dhiom  ?  Fasaidh  thu  ann  an  naomh- 
achd trid  cumhachd  an  Spioraid  naoimh,  le 
tirnuigh,  le  beachdachadh  air  facal  Dhe, 
agus  le  obair  ann  an  seirbhis  Dhe. 

Ged  dh'iobair  an  Slanuighear  e  fein  air  son 
peacadh  dhaoine,  tha  feum  air  aithreachas, 
aideachadh  laitheil,  maitheanas  agus  comhn- 
adh Chriosd.  Tha  feum  air  an  fhacal  gus  an 
gabh  e  comhnuidh  annainn  gu  saoibhir  le 
uile  ghliocas.  Is  e  claidheamh  an  Spioraid 
facal  Dhe  agus  is  ann  leis  an  inneal  so  a 
thug  losa  buaidh  thairis  air  Satan.  "  Naomh- 
aich  iad  troimh  an  fhirinn :  is  e  t-fhocal-sa 
an  fhirinn." 

Agus  is  ann  gu  sonraichte  trid  obair  a 
dh'  fhasas  sinn  ann  an  gras  agus  ann  an 
naomhachd.  Biodh  ar  n-obair  ann  an  ainm 
an  Tighearn  agus  air  son  a  rioghachd  agus 
bithidh  dion  againn  o  pheacadh  agus  o 
bhuaireadh.  Is  e  an  duine  gun  obair  a 
bhitheas  'na  uallach  dha  fein  agus  'na 
dhragh  do  dhaoine  eile.  Tha  Satan  aig 
cluas  agus  ri  taobh  an  duine  dhiomhain. 

Am  bheil  thu  ag  radh — ciod  an  obair  a  ni 
mi  ?  Bithidh  sin  a  reir  do  chothroim  agus  do 
shuidheachadh  saoghalta,  ach  theid  aig  gach 
aon  againn  air  obair  a  dheanamh  ann  an 
seirbhis  Dhe.  Bha  a'  bhantrach  bhochd  ag 
obair  an  uair  a  thilg  i  da  leth-fheoirling  ann 
an  slige  an  ionmhais.  Bha  a'  bhan-Shamari- 
tanacn  ag  obair  an  uair  a  stiuir  i  a  c6-lucbd- 
duthcha  Criosd.  Bha  Lidia  ag  obair 
an  uair  a  thug  i  aoidheachd  aig  a  tigh  fern 
do  Phol  agus  do  Shilas.  Bha  Dorcas  ag 
obair  an  uair  a  bha  i  a'  deanamh  nan  cota 
agus  nan  trusgan  air  son  nam  bochdan.  Bha 
fear-coimhead  a'  phriosain  ag  obair  an  uair 
a  nigh  e  creuchdan  Phoil  agus  Shilais  agus 
a  thairg  e  biadh  dhaibh.  Bha  Pol  ag  obair 
an  uair  a  bha  e  'deanamh  phailliuna  seach 


GAIRM  DHE— AM  MAIREACH 


e  bhi  'na  uallach  air  daoine  eile.  Bha  losa 
ag  obair  a  ghnath  a  chionn  "  chaidb  e  mu  'n 
cuairt  a'  deanamh  maith." 

An  atharrachadh  cruth 

Agus  mar  a  tha  iomadh  gne  oibre  a'  cur 
air  aghaidh  naomhachd,  tha  gairm  Dhe  a' 
tighinn  ami  an  atharrachadh  cruth  agus 
dreach  gu  daoine.  Thig  Dia  gu  cuid  an 
uair  a  ghabhas  iad  uallach  agus  dleasanas 
tir  orra  fein.  Is  trie  le  daoine  a  bhi  fo 
iomagain  aig  am  mar  so.  Tha  Dia  'g  an 
gairm  agus  ag  radh  riu  mar  thubhairt  e  ri 
losua — "  bithidh  mi  leatsa;  cha  dibir  mi 
thu  agus  cha  treig  mi  thu;  bu  laidir  agus 
ro-mhisneachail. ' ' 


Aig  am  cunnairt  tha  Dia  a'  gairm  air 
neach  fo  ainm  fein  mar  thubhairt  losa  ri 
Peadar  "  a  Shimoin,  a  Shimoin,  feuch,  dh'- 
iarr  Satan  sibhse,  chum  bhur  criaradh  mar 
chruithneachd,  ach  ghuidh  mise  air  do 
shonsa  nach  diobradh  do  chreideamh  thu." 
Tha  gairm  Dhe  a'  tighinn  ann  an  laithean 
dorcha  a'  bhroin  an  uair  a  chailleas  sinn 
caraid  gaolach  agus  a  tha  an  cridhe  falamh 
fann.  Tha  iarrtas  a'  chridhe  chum  naomh- 
achd Dhe  agus  gu  smuaintean  neambaidh. 
Ciod  air  bith  an  doigh  amis  an  tig  gairm 
Dbe  is  e  do  dhleasdanas  agus  do  ghliocas 
labhairt  mar  rinn  Samuel, — "  labhair,  a 
Thighearn,  oir  tha  do  sheirbhiseach  a' 
cluinntinn."  •  i 


Am  maireach 

Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  Deibhidh,  an  Inbhir-nis 
Fuirich  thusa  chun  am  maireach. 


BHA  muinntir  an  Rudha  Mhoir  a'  smuain- 
eachadh  gu  robh  am  ministear  aca-san  gu 
math  cearbach  oir  bhiodh  e  dol  a  mach  gle 
thric,  is  eallach  chaman  air  a  dhruim,  a 
chluich  air  golf.  Theireadh  cuid  gu'm  biodh 
e  moran  na  b'fhearr  dha  a  dhol  air  feadh 
nam  bochd  's  an  sgir  aige  seach  a  bhi  ag 
itheadh  aran  an  diomhanais. 

Theireadh  cuid  eile  gu'm  bu  choir  dha  bhi 
rannsachadh  na  Firinn  agus  a'  deanamh 
feum.  ceart  de  na  talantan  a  bhuilich  Dia 
air.  Is  iomadh  uair  a  bha  deasboireachd 
bhuan  mu'n  chuspair  so  ann  am  Parlamaid 
nam  bodach.  Cha  chanadh  iad  ris  air  ciil 
a  chinn  ach  "  ministear  nan  caman."  Cha 
robh  guth  aige  ri  radh  nach  d'thug  iad  am 
ministear  maide  air  mar  fhar-ainm. 

Aon  latha  chaidh  e  fein  agus  am  maor- 
eaglais  aige  a  mach  leis  na  camain  agus 
chuir  iad  cuairt  air  raon  a'  gholf.  Aig  an 
toll  mu  dheireadh  rinn  am  maor-eaglais  an 
gnothuch  air  a'  mhinisteir. 

Gle  dhliith  air  an  toll  sin  bha  fear  de 
bhodaich  an  aite  'n  a  shuidhe  air  suidheachan, 
a  chill  's  a'  ghaoith  is  aghaidh  's-  a'  ghrein, 
agus  nuair  chumiaic  e  gu'n  do  chaill  am 
ministear  's  a'  chluich  a  bha  ann,  thuirt  e 
ris  's  an  dol  seachad,  "  An  do  rinn  e  an 
gnothuch  oirbh,  a  mhinisteir?"  "Rinn," 
ars  esan,  "  ach  fuirich  thusa  chun  am 
maireach  !  " 

"  Mata,"  ars  am  bodach  le  lasag  'n  a 
shiiil  is  fiamh  a'  ghaire  air  a  ghniiis,  "  nach 
bi  sibh  fein  a'  searmonachadh  gu  laidir  anns 
an  eaglais  ud  shuas  agus  sibh  ag  radh  ruinne 


nach    'eil    am    maireach    air    a    ghealltainn 
dhuinn." 

Nuaif  dh'innis  am  ministear  fein  dhomh-sa 
mar  chaidh  a  ghlacadh  'n  a  chainnt  thoisich 
mi  air  smuaineachadh  thairis  air  na  briathran, 
agus  thug  mi  fanear  gu  bheil  teagasg  mor 
annta  air  sean  is  6g.  Tha  amannan  ann 
nuair  tha  sinn  uile  deas  gu  radh  mar  thuirt 
am  ministear,  "  fuirich  thusa  chun  am 
maireach." 

Anns  an  sgoil. 

Nuair  theid  balach  luaineach  do'n  sgoil 
air  falbh  bho'n  dachaidh  tachraidh  e  an  sin 
air  feadhainn  eile  de'n  aon  bheachd  ris  fein; 
saoilidh  e  nach  coir  dha  obair  idir  a  dheanamh 
ach  e  fein  a  chluich.  Bidh  e  a'  cur  seachad 
latha  an  deidh  latha  gu  diomhanach,  agus 
e  ag  radh  ris  fein  gu'm  bi  e  trath  gu  leor 
dha  suil  a  thoirt  air  a  leabhraichean  oidhche 
no  dha  mu'n  tig  latha  an  dearbhaidh.  Tha 
guth  ciiiin  ag  radh  ris,  "  fuirich  thusa  chun 
am  maireach." 

Aon  oidhche  thig  e  dhachaidh  as  an  sgoil 
agus  dragh  mor  air  inntinn;  tha  am 
maighstir-sgoile  an  deidh  innseadh  dhaibh 
gu  bheil  latha  an  dearbhaidh  dliith  air 
laimh,  agus  tha  dull  aig  a'  bhalach  ghorach 
gu'n  d.ean  e  obair  thri  miosan  an  aon  oidhche 
— ni  tha  eu-comasach.  Ach  chan  'eil  sgoil 
air  bith  anns  nach  faighear  gillean  is  nigh- 
eanan  de'n  t-seorsa  sin.  Tha  an  sean-fhacal 
ag  radh  '  nach  'eil  feill  no  faidhir  air  nach 
faighear  Maol-Ruainidh,'  sin  creutair  gun 
sgoinn  a  bhios  daonnan  ag  radh  "  fuirich 
thusa  chun  am  maireach." 


AMl^MAIREACH 


Chan  urrainn  duine  tigh  a  thogail  mux  'eil 
a'  chlach-steidh  aige  air  a  leagail  gu  ceart 
agus^gu  cothromach.  Ma  tha  sin  deanta 
faodaidh  e  bhi  cinnteach  nach  tuit  e  nuair 
thig  latha  an  dearbhaidh. 

Air  a'  cheart  doigh  feumaidh  gillean  is 
nigheanan  an  aire  thoirt  do'n  h-uile  ceum  de'n 
teagasg  tha  iad  a'  faotainn,  agus  mur  dean 
iad  sin  chan  urrainn  maighstir-sgoile  air 
bith  ionnsachadh  ceart  a  thoirt  dhaibh. 
Ma  bhios  iad  gu  h-amaideach  a'  saoilsinn 
gu'n  dean  iad  suas  air  a  shon  am  maireach 
tha  iad  a'  caoineadh  na  gaireachdaich  nuair 
thig  la  an  dearbhaidh. 

Fior  a  thaobh  tinneis. 

Tha  daoine  gle  thric  a'  smuaineachadh 
nuair  bhuaileas  tinneas  iad  gu'm  bi  iad 
na's  fhearr  am  maireach,  agus  ma  chluinneas 
iad  guth  air  dotair  their  iad,  "  fuirich  chun 
am  maireach." 

Chuala  mi  sgeul  bho  chionn  ghoirid  tim- 
chioll  air  fear  nach  robh  a'  faireachadh  ana- 
barrach  slan,  ach  bha  e  an  diiil  gur  e  rud-eigin 
a  dh'ith  e  nach  do  chord  ri  stamaig.  Bhiodh 
e  la  na  b 'fhearr  agus  la  na  bu  mhiosa,  ach 
bha  diiil  aige  nach  robh  moran  cearr  air, 
agus  am  beagan  sheachduinean  gu'm  biodh 
e  ceart  gu  leor.  Mu  dheireadh  thall  shearg 
e  as  cho  mor,  agus  bha  e  a'  faireachadh  gu 
robh  a  Itiths  'g  a  threigsinn,  agus  thuig  e 
an  sin  gu'm  feumadlx  e  fios  a  chur  air  dotair. 

Nuair  tnainig  an  dotair  dJi'fhaighneacud 
e  dheth  c'uin  a  thoisich  e  air  gearan  an 
to^seach.  Dh'innis  an  duine  dha  mar  thoisich 
a  thinneas  bho  chionn  aireamh  mhor  sheach- 
duinean agus  mar  bha  duil  aige  daonnan 
gu'm  biodh  e  na  b'fhearr  an  ath  latha. 

Chaidb  a  thoirt  air  falbh  do  thigh-eiridinn, 
agus  nuair  dh'  f  hosgail  dearg-leigh  e  chunnaic 
e  mar  bha  an  cancer  air  sgaoileadh  anns  an 
stamaig  aige,  agus  nach  gabhadh  ni  deanamh 
air  a  shon.  Chuir  e  dhachaidh  e  do  "  Thir 
nam  Beann,"  a  chriochnachadh  a  laithean, 
am  pian  is  laige,  's  gun  leigheas  ann  da,  a 
chionn  gu'n  d'thuirt  e  ris  fein  cho  trie 
"fuirich  thusa  chun  am  maireach." 

Luchd-riaghlaidh  na  rioghachd  againn. 

Nuair  thainig  crioch  air  a'  Chogadh  Mhot- 
bha  daoine  a'  smuaineachadh  nach  biodh 
cogadh  eile  ann  na's  mo.  Uime  sin  thoisich 
daoine  anns  gach  aite  air  am  beatha  a 
chaitheamh  gu  socrach  soghmhor,  agus  thilg 
iad  dhiubh  gach  uallach  mar  dhaoine  air 
bheag  sgoinn.  An  ni  bu  choir  a  bhi  air  a 
dheanamh  an  diugh  dh'fhagadh  iad  gus  an 
ath  latha. 


Bha  so  fior  gu  sonrufchte  a  thaobh  cuid 
de  luchd-riaghlaidh  na  rioghachd  againn. 
Cha  robh  iad  deonach  idir  moran  airgid  a 
chosd  air  bataichean-cogaidh  no  air  arm ; 
oir  bha  iad  's  an  Ian  bheachd  nach  biodh 
feum  tuilleadb  air  gin  dhiubh.  Mar  sin,  bha 
ar  cumhachd  air  muir  agus  air  tir  a'  dol  air 
ais  gach  bliadhna. 

Nuair  chunnaic  Hitler  cho  f  abharach  's  a 
bha  an  gnothuch  dhasan,  thoisich  e  mar 
pheileir  a  bheatha  air  dol  an  uidheam  air 
son  ar  bualadh,  luath  no  mail.  Fad  na  tim, 
bha  an  luchd-riaghlaidh  againne  mar  dhaoine 
'n  an  cadal,  agus  diiil  aca  nach  rachadh  a' 
Ghearmailt  tuilleadh  a  chogadh  ruinn.  Bha 
na  Gearmailtich  fad  na  tim  de'n  bheachd 
nach  deach  gabhail  orra  idir  agus  thuirt 
Hitler  fein  sin  uair  is  uair.  Cha  robh  e  fein 
agus  a  shluagh  ach  a'  feitheamh  an  fhath  gu 
toiseachadh  a  ris. 

N'an  do  chuir  Breatunn  agus  an  Fhraing 
an  cinn  comhla  nuair  chunnaic  iad  mar  bha 
a'  ghaoth  a'  seideadh,  agus  na'n  do  mhaoidh 
iad  air  Hitler,  dheanadh  sin  an  gnothuch  aig 
an  am,  ach  bha  luchd-riaghlaidh  na  Frainge 
'n  an  leth-chadal  cuideachd,  agus  bha  so  a' 
freagairt  airsan  cho  math;  's  ann  bha  eagal 
a  bheatha  air  gu'n  duisgeadh  iad  mu'm 
biodh  e  deas  gus  an  cur  'n  an  cadal  ceart. 

An  ni  tha  fior  d'ar  taobh  fein  agus  a 
thaobh  nam  Frangach  tha  e  fior  mar  an 
ceudna  a  thaobh  America.  Nuair  thainig 
crioch  air  a'  Chogadh  Mhor  bhoidich  iad 
nach  biodh  cuid.no  gnothuch  aca  tuilleadh 
ri  cogadh  's  an  Roinn-Eorpa,  ged  mharbhadh 
an  darna  leth  de'n  t-sluagh  an  leth  eile. 

Bha  astar  mor  cuain  eadar  iad  fein  agus 
na  rioghachdan  mora  eile,  agus  mar  sin  bha 
iad  an  diiil  gu  robh  iad  sabhailte  gu  leor 
agus  nach  feumadh  iad  lamh  a  bhi  aca  an 
cogadh  tuilleadh.  Cha  do  rinn  iad  uUachadh 
sam  bith  air  a  shon  oir  bha  iad  daonnan  ag 
radh,  "  fuirich  thusa  chun  am  maireach." 

Thainig  teachdairean  an  uiridh  bho 
Mhikado  gu  President  Rooseveldt,  ach  ged 
bha  sith  air  d-m  bilean  bha  foill  'n  an  cridhe, 
agus  mu'n  do  thuig  am  President  agus  a 
dhaoine  gu  de  bha  'n  am  beachd  bha  Port- 
nan-leug  (Pearl  Harbour)  air  a  mhilleadh, 
agus  call  mor  air  a  dheanamh  air  daoine 
agus  air  longan-cogaidh,  beag  is  mor.  Bidli 
cuimhne  aig  Uncle  Sam  ri  mhaireann  air 
an  spionadh  a  thug  am  fear  buidhe  air  an 
fheusaig  aige.  Abair  thusa  gu  bheil  e  'n  a 
dhuisg  a  nis  !  Chan  abair  e  an  da  latha  so, 
"  fuirich  thusa  chun  am  maireach." 


AM  MAIREACH 


Eachdraidh  Clann  Ddmhnaill. 

'S  a  bhliadhna  1692  chaidh  an  ceann 
•teagaisg  so  a  sgriobhadh  an  litrichean 
maireannach  ann  am  full  chraobhach  Clann 
Domhnaill,  an  Gleann  Comhann.  Bha  e 
mar  fhiachaibh  air  gach  ceann-fine  's  a' 
Ghaidhealtachd  gealladh.  a  thoirt  an  sgriobh- 
adhr,  an  lathair  fhianuisean,  an  aite  araidh 
roimh  dheireadh.  na  bliadhna  1691  gu'm 
biodh  e  dileas  gu  brath  do'n  righ.  'S  e  iagh 
ixr  a  bha  an  so  agus  mheas  Mac  Iain  a' 
Ghlinne  gu'm  bu  ni  t^mailteach  dha-san 
agus  d'a  leithid  geilleadh  do  righ  Shasuinn, 
ni  nach  do  rinn  iad  riamh  roimhe.  Cha  robh 
cabhag  sam  bith  air  gu  fhacal  a  thoirt,  ni 
mo  bha  eagal  air,  agus  mar  sin  bha  la  an 
deidh  1^  a'  dol  seachad. 

Aig  a'  mhionaid  mu  dheireadh  thog  e  air, 
agus  dh'fhalbh  e  gu  Gearasdan-dubh-Inbhir- 
Lochaidh,  gu  dearbhadh  a  thoirt  an  sgriobh- 
adh air  a  dhilseachd  do'n  righ.  Thainig 
sneachd  mor  aig  an  am  agus  mar  sin  bha  an 
rathad  duilich  a  choiseachd,  agus  bha  an 
seann  laoch  gu  math  sgith  nuair  rainig  e 
an  ceann-uidhe.  Nuair  dh'innis  e  an  sin 
fath  a  thuruis  fhuair  e  mach  gtir  ann  do 
Inbhir-Aora  bha  coir  aige  dhol,  agus  nach 
gabhte  roimhe  an  aite  eile  ach  an  sin. 

Faodaidh  sinn  a  thuigsinn  gu  math  nach 
robh  iarraidh  sam  bith  aig  Mac  Iain  air 
aghaidh  a  chur  air  an  aite  far  an  robh  a 
dhearg  namhaid  Mac-Cailean  Mor  agus  a 
ghillean  a'  tamh.  Bha  gach  fear  aca  a' 
smuaineachadh  gu'm  b'e  an  tartan  aig  an 
fhear  eile,  tartan  nam  meirleach. 

Ma  bha  an  rathad  duilich  ri  choiseachd  a' 
dol  gu  G«arasdan-Dubh-Inbhir-L6chaidh,  's 
ann  bha  e  duilich  ri  choiseachd  a'  dol  do . 
Bhaile  Inbhir-Aora.  Bha  na  cuidheachan 
sneachda  cho  domhain  agus  gu  robh  e  dol 
fodha  gu  crios  an  fheilidh  annta.  A  bharr' 
air  sin,  bha  cur  is  cathadh  a'  tighinn  air  os 
a  chionn,  agus  nuair  rainig  e  thall  bha  e  air 
a  mheileachadh  leis  an  fhuachd.  Chan 
aithnicheadh  iad  e  seach  bodach-sneachda, 
mur  biodh  gu  robh  anail  'n  a  chom,  agus 
cainnt  'n  a  bheul. 

Bha  la  nan  gras  air  dol  seachad,  ach 
shaoil  leis  gu'm  biodh  gach  ni  ceart  gu  leor 
agus  nach  biodh  peanas  air  bith  air  a  dhean- 
amh  air  fein,  no  air  a  shluagh,  a  chionn 
gu'n  do  gheall  e  an  sgriobhadh  mar  rinn  gach 
ceann-ciim,idh  eile  's  a'  Ghaidhealtachd 
gu'm  biodh  e  dileas  do'n  righ.  Ach  chunnaic 
a  naimhdeari  gu  robh  cothrom  math  an  so 
air  cur  as  gu  tur  do  Mhac  Iain  agus  do 
Chlaixn  Domhnaill  a'  Ghlinne. 


Am  mort. 

Ceithir  seachduinean  an  deidh  do'n  t-seann 
laoch  tilleadh  dhachaidh  c6  thainig  do'n 
Ghleann  ach  sia  fichead  Caimbeulach  as  an 
reiseamaid  aig  larla  Earraghaidheal.  Fhuair 
iad  fasgadh  is  aoidheachd  neo-ghann  's  a' 
Ghleann,  agus  gun  dhil  aig  duine  gu  robh 
olc  air  an  aire  no  foill  'n  an  cridhe. 

Bha  iad  a'  cur  seachad  gach  oidhche  gu 
cridheil  sumidach  a'  ceilidh  air  feadh  an 
t-sluaigh.  Bhiodh  iad  a'  gabhail  phort  is 
oran  no  ag  innseadh  sgeulachdan  mu  na 
laithean  a  dh'aom.  Ach  an  tiine  ghoirid 
bhiodh  port  eile  aig  muinntir  a'  Ghlinne 
agus  chitheadh  am  beo  nach  robh  aca  ach 
am  madadh-alluidh  an  riochd  na  caorach. 

Aon  la,  aig  coig  uairean  's  a'  mhaduinn, 
leum  na  saighdearan  air  muinntir  a'  Ghlinne 
gun  fhios  gun  fhaireachadh,  agus  thoisich 
an  sin  mort  cho  salach  's  air  an  cualas  riamh 
iomradh  's  a'  Ghaidhealtachd :  bha  eigheach 
is  ranaich  is  dortadh  fala  an  la  ud  's  a' 
Ghleann  nach  robh  ann  riamh  roimhe 
Nuair  bhris  an  la  gu  math  agus  a  dh'eirich 
a'  ghrian  bha  an  sneachda  dearg  mu  na 
tighean  le  full  Clann  Domhnaill  's  an  dach- 
aidhean  fuar  is  fasail. 

'  Bha  Mac  Iain  agus  an  t-oighre  dligheach 
air  am  mort  mu'n  d'fhuair  iad  ceart  air  an 
cois,  agus  bha  a'  chuid  mhor  de  Chlann 
Domhnaill,  eadar  bheag  is  mhor,  'n  an 
sineadh  an  suain  a'  bhais.  Chan  ionghnadh 
idir  ged  their  moran  "  Gleann  nan  Deur  " 
ris  gus  an  latha  an  diugh. 

Their  cuid  nach  e  Caimbeulaich  a  bha  's 
na  saighdearan  idir,  ach  graisg  a'  bhaile 
mhoir  an  eideadh  nan  sar.  Chan  'eil  fhios 
againn  co  dhiu  bh 'annta  Caimbeulaich  am 
full  's  an  aodach,  no  garlaich  bho  shraidean 
fad  as,  ach  chan  'eil  teagamh  air  bith  an 
diugh  CO  e  am  mortair.  Co,  ach  esan  a 
dh'ordaich  full  Chlami  Domhnaill  a  dhortadh 
mar  uisge  salach  air  lar  a'  Ghlinne  ?  Sin 
agad  an  ciontach.  Air  a  cheann-san  agus 
air  a  shliochd  bidh  mallachd  buan  Chlann 
Domhnaill. 

Cho  fad  's  a  sheasas  na  beanntan  arda 
gruamach  tha  cuartachadh  Gleann  Bhaile- 
Chaoil,  bidh  cuimhne  air  an  la  ud  ann  an 
eachdraidh  ar  tir — gu  sonraichte  aig  Clann 
Domhnaill. 

Sin  mar  dh'eirich  do  Mhac  Iain  coir  a  bha 
daonnan  ag  radh  "  fuirich  thusa  chun  am 
maireach." 

An  seagh  spioradail. 

Tha  fhios  againn  uile  nach  'eil  againn  an 
so  duthaich  no  baile  a  mhaireas :    tha  ar 


6 


AM  MAIREAGH 


laithean  a'  dol  seachad  mar  sgeul  a  dh'innseas 
neach..  Uime  sin  bii  choir  dhuinn  ullachadh 
a  dheanamh  fa  chomliair  an  t-saoghail  a  ta 
ri  teachd  agus  roghainn  a  dheanamh  de  na 
nithean  tha  chum  ar  maith  siorruidh,  ach 
gle  thric  the  sinn  'n  ar  cadal  gu  spioradail, 
agus  tha  sinn  a'  leigeil  leis  an  tim  dol  seachad, 
agus  sinn  a'  smuaineachadh  gu  h-amaideach 
gu'm  bi  am  maireach  trath  gu  leor.  Tha  sinn 
a'  dichuimhneachadh  gu'm  faod  am  has 
tighimi  gu  grad  agus  ar  gairm  air  falbh  agus 
gun  sinn  deas  air  son  an  turuis,  a  chionn  gu 
robh  sinn  daonnan  ag  radh  "  fuirich  thusa 
chun  am  maireach." 

Nuair  bha  Pol  air  a  sparradh  am  priosan 
chual  an  t-uachdaran  Felics  mu  thimchioll 
agus  smuainich  e  gu'n  rachadh  e  'g  a  f  haicinn 
air  a  shon  fein,  agus  gu'm  biodh  facal  aige 
leis  oir  chual  e  a  leithid  mu  dheidhinn.  Bha 
na  h-Iudhaich  a'  casaid  'n  a  aghaidh  gun 
sgur. 

Bha  Pol  toilichte  fhaicinn  agus  thoisich  e 
air  labhairt  ris  mu  a  chreidimh  ami  an 
Criosd  agus  mu  thimchioll  fireanteachd, 
stuamachd,  agus  breitheanas  ri  teachd.  Sin 
nithean  air  nach  do  smuainich  Felics  riamh 
roimhe,-  agus  uime  sin  ghabh  e  an  t-eagal. 
B'fhearr  leis  nach  fhac  e  Pol  idir  oir  chuir 
a  bhriathran  dragh  air.  Bha  a  choguis  'g  a 
dhiteadh  's  a  mhisneach  'g  a  threigsinn. 
"  Bi  falbh  an  trath  so,"  ars  esan  ri  Pol. 
"  Chi  mi  thu  mu  na  nithean  sin  la  air 
choireiginn  eile."  Am  briathran  eile,  "  fuirich 
thusa  chun  am  maireach." 

Aig  am  comanachaidh. 

Nuair  bhios  ministear  a'  tadhal  air  a' 
choimhthional  aige  roimh  am  comanachaidh 
bidh  e  a'  faighneachd  do  luchd-eaglais  a  tha 
fas  scan  an  do  rinn  iad  suas  an  inntinn 
fhathast  gu  fianuis  a  thogail  air  taobh  an 
Tighearna  aig  a'  Bhord. 

Gle  thric  bidh  iad  ag  radh  ris,  gu  bheil  iad 
a'  faireachadh  annta  fein  nach  'eil  iad  math 
gu  leor  fhathast  agus  gu'm  fuirich  iad  greis 
eile  mu'n  dean  iad  suas  an  inntinn.  Mar  sin 
tha  na  laithean  agus  na  bliadhnachan  a'  dol 
seachad  gun  fheum  agus  na  cothroman  a 
sior  dhol  an  lughad. 

Chuala  mise  sgeul  mu  dheidhinn  fear  is 
bean  an  clachan  araidh  's  a'  Ghaidhealtachd. 
Bha  iad  a'  leigeil  cothrom  an  deidh  cothrom 
seachad.  Nuair  blxiodh  an  duine  a'  leughadh 
an  Leabhair  an  am  gabhail  mu  thamh  's  an 
oidhche  's  arm  daonnan  a  bagraidhean  nam 
Faidhean  a  bhiodh  e  a'  leughadh,  agus  's 
arm  uair  ainmic  a  leughadh  e  mu  ghradh 
Dhe  air  fhoillseachadh  an  losa  Criosd. 

Aon  la,  thuirt  a  bhean  ris  gu  robh  i  fein 
n,'  smuaineachadh  air  suidhe  aig  a'  Bhord 


aig  an  ath  Chomanachadh,  a  bha  dliith  air 
laimh,  air  eagal  nach  faigheadh  i  cothrom 
eile  tuilleadh. 

"  Chan  'eil  gnothuch  agad  arm,"  ars  esan, 
"  oir  chan  'eil  thu  math  gu  leor  fhathast 
agus  mar  sin  cha  bhi  thu  ach  ag  itheadh 
agus  ag  61  breitheanais  dhuit  fein.  Ghabh 
i  a  chomhairle,  mar  gheall  i  aon  la,  agus 
leig  i  an  cothrom  seachad,  ach  cha  d'fhuair 
i  fear  eile  air  an  taobh  so  de'n  uaigh.  Mu'n 
d'  thainig  an  ath  Chomanachadh,  thainig  an 
teachdaire  gruamach  nach  gabh  ditiltadh  'g 
a  h-iarraidh.  Sin  mar  thachras  do  gach 
neach  a  bhios  daonnan  ag  radh  "  fuirich 
thusa  chun  am  maireach." 

Cuir  thusa  an  diugh  a'  cheist  so  riut  fein. 
"  C'aite  bheil  mise  a'  seasamh  a  thaobh  nan 
nithean  sin  a  bhuineas  do'n  t-saoghal  eile  ?  " 

Tha  cuid  ann  a  their  nach  do  rinn  iad 
fhathast  suas  an  inntinn.  Tha  iad  air  an 
torm-luasgadh  le  iomadh  gaoth,  agus  cha 
'eil  fhios  aca  ciod  tha  iad  a'  creidsinn.  Is 
fearr  leo  gu  mor  an  gnothuch  sin  f  hagail  gu 
la  eile.    "  Fuirich  thusa  chun  am  maireach." 

'S  e  'n  diugh  an  la. 

An  diugh  tha  cothrom  ur  air  a  thoirt 
dhuit  air  uachdar  talamh  trocair,  agus 
faodaidh  nach  bi  fear  eile  agad  gu  brath 
tuilleadh.  Tha  beatha  air  a  tairgsinn  dhuit 
gu  saor  trid  losa  Criosd.  Faodaidh  gu'n 
abair  thu,  "  chan  'eil  mise  ach  6g  fhathast 
agus  bidh  tide  gu  leor  agam  bliadhnachan 
bho'n  diugh  air  smuaineachadh  thairis  air 
na  nithean  sin,  nuair  bhios  feasgar  mo  la 
a'  teannadh  dluth."  Ach  c6  thug  dhuit  an 
gealladh  gu'm  faic  thu  a'  ghrian  a'  dol  sios 
's  an  fheasgar.  Chan  'eil  am  m.aireach  air 
a  ghealltainn  do  aon  air  bith  againn.  'S  e 
an  diugh  an  la. 

Thainig  ministear  araidh  aon  la  dh 'fhaicinn 
boirionnach  a  bha  dliith  do'n  chrich,  agus 
nuair  a  labhair  e  rithe  mu  gheallaidhean  an 
t-soisgeil  agus  mu'n  bheatha  nach  teirig, 
thuirb  i  ris,  tha  iomadh  la  bho'n  chuir  mise 
na  gnothuichean  sin  air  doigh.  Thuit  i  'n 
a  cadal  is  fiamh  a'  ghaire  air  a  bilean;  bha 
i  a'  dol  dhachaidh  gu  sonas  is  sith. 

"  larraibh  an  Tighearn  am  feadh  a  ta  e 
am  fagus."  An  rud  nach  dean  thu  an  diugh 
chan  'eil  ciiint  air  bith  agad  gu'n  dean  thu 
am  maireach  e. 

"  'S  e  'n  diugh  an  t-am  taitneach;  's  e  'n 
diugh  la  na  slainte." 

"  Marbs'  na  cuir  's  an  latha  maireach. 
'N  iiin'  chaidh  seach  fag  air  do  chill, 
Saothraich  anns  an  am  tha  lathair  ; 
Treun  an  cridhe  's  Dia  ad  shiuil." 


Freasdal,  tuiteamas^  no  faoineis? 

Le  Eachann  MacDhilghaiU. 


CHA  do  cheil  mise  riamh,  is  cha  cheil,  nach 
robh  a'  bheag  de  shult  an  t-saoghail  so 
againn  anns  an  t-seann  dachaidh.  Cha  robh 
fearann  no  fonn,  am  mach  bho  gharradh 
beag,  againn ;  b'ann  ris  an  iasgach  a  bha 
m 'at hair,  agus  an  am  geamhraidh,  an  uair 
a  thigeadh  briseadh  side  a  bhiodh  leantalach, 
is  nach  faigheadh  "  A'  Chuthag  "  gu  cuan 
la  an  deidh  la,  is  air  uairean  seachduin  an 
deidh  seachduin,  thigeadh  cuiseany  mu 
dheireadh  gus  nach  biodh  moran  r'a  sholar 
air  cheann  poite  no  biiird.  Ach  ma's  e  a' 
ghainne  a  bu  dluithe  na  am  pailteas  an 
teanntachd  aimsire  mar  so,  bha  daonnan 
blaths  is  baidh  na  dachaidh  againn;  agus 
mur  faigheamaid  an  trosg  mor  air  cheann 
na  dinnearach,  bha  a'  chudainn  bheag  fein 
ri  a  solar,  no  is  ann  cruaidh  uile  gu  leir  a 
thigeadh  ctiisean. 

Ach  latha  an  sud  de  na  laithean,  bha 
cuisean  cho  cruaidh  's  nach  robh  a'  chudainn 
bheag  fein  againn  !  Chan  'eil  agamsa  ach 
gle  bheag  cuimhne  air  a'  chiiis,  ach  tha  a' 
chuimhne  bheag  sin  fein  agam  air.  Is  e 
Latha  na  Sabaid  a  bha  ann,  agus  bha  mo 
mhathair  air  a  droch  chur  chuige,  oir  cha 
robh  an  aon  ghreim  de'n  annlann  a  stigh  gu 
ghabhail  leis  a'  bhuntata,  is  gun  am  buntata 
fein  ro  phailt.  Innsidh  mi  dhuibh  an  nis  an 
seorsa  latha  a  bha  ann.  Bha  i  air  stoirm 
a  chur  seachad,  is  a  reir  gach  coltais  an  ath 
stoirm  ag  cruinneachadh  am  mach  anns  a' 
Chuan  an  lar  gus  an  ath  bhuille  throm  a 
bhualadh  air  na  h-Eileanan.  Bha  na 
gaoithean  air  clos  a  ghabhail,  re  tamuill, 
latha  "  eadar  dha  shian,"  mar  a  theireadh 
na  seann  daoine  ris  ;  ach  bha  an  t-adhar  is 
stoth  throm  a'  chladaich  a'  toirt  na  teach- 
daireachd  neo-mhearachdach  seachad  air 
ciod  an  duathalas  is  an  sarachadh  a  bhatar 
a  rithist  ag  gleusadh  thall  fada  siar  oirnn  ! 
Thubhairt  mi  gu'n  robh  stoth  throm  air  a' 
chladaoh,  is  bha  sin  air,  stoth  a  chluinnteadh 
fhuaim  na  miltean  air  astar  air  a  leithid  so 
de  latha.  Bha  e  mu  airde  reobhairt,  leis  a' 
mhuir-traigh  ann  suas  mu  mheadhon-la, 
agus  air  do  m'  mhathair  dol  am  mach  gu 
beulaibh  an  tighe,  mhothaich  i  cabhag 
fhaoileann  is  cath  aca  shios  ciil  an  Eilein 
Bhig  am  beul  na  tuinne.  Chuir  e  iongantas 
oirre  ciod  a  bhiodh  aca  an  sud,  agus  tharruing 
i  sios  an  traigh,  eadhon  ged  a  bha  an  dara 
cas  an  impis  a  bhith  a'  tilleadh,  leis  gur  e 


an  t-Sabaid  a  bha  ann.  An  uair  a  rainig 
i  bil  na  tu.inne,  ciod  a  bha  an  sud  aig  na 
faoileannan  ach  ugsa  mhor,  shultmhor  a 
chaidh  a  thachdadh  le  stoth  nan  stuadh  air 
a'  chladach,  is  i  air  a  h-ur-sguabadh  a  stigh 
an  traigh;  bha  i  cho  _urar,  grinn  is  ged  a 
b'ann  air  an  dubhan  a  ghlacte  i  an  tiota  sin 
fein.  Thug  mo  mhathair  leatha  dhachaidh  i, 
agus  cha  b'fhada  gus  an  robh  a'  chuid  a 
b'fhearr  dhi  againn  air  bord  na  dinnearach. 

An  nis,  chan  'eil  mise  a'  dol  a  ghabhail  de 
dhanadas  orm  fein  a  radh,  as  is  as,  gu'n  robh 
mo  mhathair  ag  cur  suas  athchuinge  ris  an 
Ti  as  Airde  cobhair  a  chur  oirre,  "s  a  bord 
cho  lom,  oir  chan  'eil  cinnt  agam  gu'n  robh ; 
ach,  fathast,  is  fios  agam  mar  nach  'eil  fios 
agaibhse  air  ciod  a'  ghne  boireannaich  a  bha 
innte,  is  docha  learn  gu'n  robh.  Co-dhiubh, 
b'e  sud  a  thachair,  agus  cha  sgeul  air 
thuaireamas  e  ach  ni  a  thachair  ri  m'  fhios- 
rachadh  fein.  Ach  cha  robh  mo  mhathair 
ro  chinnteach  an  do  rinn  i  ceart  leigeil  le 
a  h-aire  a  bhith  air  a  tarruing  a  thaobh  cho 
mor  air  Latha  Sabaid  's  gu'n  d'thug  is  an 
cladach  oirre  mar  sud,  agus  gu  sonraichte 
gu'n  d'thug  i  dhachaidh  an  t-iasg  is  gu'n 
do  rinneadh  feum  dhe  an  larach  nam  bonn 
gun  feitheamh  ris  an  Luan.  Bha  a'  chuis 
ag  cur  beagan  dragha  oirre,  agus  mu  dheire- 
adh shir  i  comhairle  pearsa  Eaglais — an 
Ceistear  a  bha  anns  an  eilean  'san  am. 
"  Cha  do  rinn  thu  cearr,  a  ghalad,"  arsa  an 
duine  caomh  rithe ;  "is  ann  a  dheanadh  tu 
an  ni  a  bhiodh  uile  gu  leir  cearr  mur  gabhadh 
tu  is  mur  deanadh  tu  feum  de'n  tiodhlac  a 
chuir  an  Cruithear  ort  'nad  fheum."  Thug 
a'  chomhairle  thurail  so  faochadh  d'a 
h-inntinn. 

Bha  mo  mhathair  latha  eile  an  deidh  litir 
a  sgriobhadh  a  bha  i  ag  cur  gu  Anna  ar 
piuthar  anns  an  Oban,  oir  b'ann  le  m' 
sheanair  is  le  m'  sheanamhair  a  thogadh  ise, 
agus  an  uair  a  dh'fhag  iad  an  t-eilean  's  a 
,  chaidh  iad  a  chomhnuidh  do'n  Oban  thug 
iad  Anna  leo.  Ach  ged  a  sgriobh  i  an  litir 
cha  robh  stamp  aice  a  rachadh  oirre  no 
sgillinn  a  gheibheadh  e ;  agus  leis  nach  robh 
coimhearsnach  na  bu  dluithe  dhuinn  na 
tuaiream  air  leth-mhile,  cha  robh,  direach  an 
uair  a  bha  feum  air,  doigh  air  an  stamp 
fhaotainn.  Is  gann  a  tha  aobhar  agam  air 
a  thoirt  fa -near  gur  e  aon  sgillinn  ruadh  a 
bha  postachd  litreach  ag  cosg  an  uair  ud  is 


8 


FREASDAL,  TUITEAMAS,  NO  FAOINEIS  ? 


iomadh  bliadhna  'na  dheidh..  Tha  mi  an 
nis  a'  dol  a  dh'  innseadh  dhuibh  ciod  a 
thachair,  agus  tha  e  cho  fior  's  a  tha  raise 
a'  sgriobhadh  nam  briathran  so.  Cha  robh 
lobhta  an  ceann-an-teine  de'n  tigh  an  uair 
ud,  oir  b'ann  gii  math  'na  dheidh  sud,  an 
uair  a  fhuaras  fiodh  cladaich  a  chur  cruinn, 
a  chuireadh  ann  i,  agus  cha  robh  ach  na 
cabair  is  an  sgrath  a  bha  fo'n  tughaidh  lom 
OS  ar  cionn.  Bha  an  litir,  mata,  aice  'na 
laimh  is  i  a'  smaoineachadh  ciamar  a  gheibhe- . 
adh  i  a  cur  air  falbh  gu  Anna  an  uair  a  chuala 
i  gliong  aig  a  casan  air  an  iirlar,  agus  an  uair 
a  sheall  i  feuch  ciod  a  bha  ann,  bha  an  sud 
sgillinn  a  thuit  a  mullach  an  tighe  !  Is 
coltach  gu'n  robh  an  ctiinneadh  an  sas  an 
aon  de  na  sgrathan  a  bha  air  an  tigh ;  ach 
is  e  a'  chilis  ciod  an  t-aobhar  a  chuir  gur 
ann  an  uair  a  bha  am  feum  ud  oirre  a  dh' 
fhuasgail  i  as  an  sgrathaidh  is  a  thuit  i 
aig  casan  mo  mhathar  ^ir  an  iirlar  ?  Ach 
biodh  a  rogha  aobhair  air,  thachair  an  rud 
direach  mar  a  tha  mise  ag  innseadh  dhuibh. 

Cha  robh  duine  beo  eile  de'n  aon  ainm  ri 
m'athair  anns  an  eilean  ach  e  fein,  Domhnall 
Diighallach,  mar  a  theirte  ris.  Bha  e  latha 
an  sud  a'  dol  do  Airigh  nan  Gobhar,  "  baile- 
mor  "  an  eilein.  Is  ann  'ga  choiseachd  a  bha 
e,  agus  an  deidh  dha  dol  seachad  air  a' 
Chrannaig  is  e  sios  am  bruthach  gu  Creag- 
bhriseadh-fiacall,  mhothaich  e  rud  beag 
airgiodach  ag  gliostradh,  's  e  leth-chomh- 
daichte  le  poll,  anns  an  rothaile  air  an 
rathad-mhor.  Thog  se  e,  agus  ciod  a  bha  an 
sud  ach  brod  (lid)  pioba  is  e  air  a  dhroch 
bhruthadh  's  air  a  chur  a  dealbh  far  an 
deach  roth  cartach  thairis  air.  Thachair 
gu'n  robh  feum  aige  air  a'  cheart  ailleagan 
anns  an  am,  agus  ged  a  fhuair  am  brod  an 
droch  ghiollachd  a  fhuair  e,  smaointich 
m'athair  gu'n  gabhadh  e,  le  saothair,  aiseag 
air  ais  gu  a  cheud  chruth,  is  theann  e  ris  an 
obair  gu  faidhidinneach.  Fhuair  e  sin  e,  air 
ais  gu  a  phrionh  chruth,  agus  an  uair  a 
ghlan  se  e  chunnaic  e  gu'n  robh  ainm  air. 
Ciod  a  b'iongantaiche  leis  an  sin  na  fhaicinn 
gur  e  a  ainm  fein  ann  am  Beurla,  "  Donald 
MacDougall,"  a  bha  air  brod  na  pioba! 
Fhuair  e  am  mach  'na  dheidh  sin  c6  a  bu 
docha  a  chaill  e — fear  de'n  aon  ainm  a 
bhuineadh  do'n  eilean  a  bha  ann  air  chuairt 
beagan  uine  roimh  sin  a  Glaschu,  far  an 
robh  e  ag  obair  aig  an  am. 

Chan  'eil  an  sin,  an  nis,  ach  faoineis,  fior 
thuiteamas,  is  eadar-dhealaichte  bho'n  da 
thachartas  eile  a  dh'aithris  mi,  gu  sonraichte 
an  t-isag  a  chuir  am  Freasdal  air  an  teaghlach 
an  Latha  S^baid  ud  an  uair  nach  robh  greim 
armlainn  fo  sparran  an  tighe. 


Tha  mi  an  nis  a'  dol  a  chur  ris  an  fhaoinei* 
sin  le  d^  thuiteamas  eile  a  thachair  dhomh 
fein  aithris,  is  gun  na  laithean  anns  an  do 
thachair  iad  na's  fhaide  air  falbh  na  an 
t-seachduin  so  chaidh. 

An  uair  a  bhios  mi  a'  dol  a  stigh  do'n 
bhaile  gu  dleasanas  sonraichte  a  tha  mi  ris 
an  ceartair,  tha  mi  am  bitheantas  ag  gabhail 
a'  char  cho  fada  ris  an  t-sr4id  a  tha  a' 
tarruing  a  stigh  ri  Drochaid  an  Righ  Seoras 
a  Coig.  Tha  am  faradh  ag  cosg  da  sgillinn 
dhomh.  An  latha  sonraichte  a  bha  an  so 
bha  agam  ri  mo  shlighe  a  bhri^eadh  dluth 
air  leathach  rathaid  agus  tadhal  a  dheanadh 
air  ghnothach  sonraichte  nach  'eil  aobhar 
agam  air  ainmeachadh,  agus  leis  gu'n  robh 
faradh  na  ceud  chuid  de'n  t-slighe  ag  cosg 
sgillinn,  agus  an  corr  ag  cosg  tri  bonn-a-se,- 
bha  am  faradh  uile  ag  cosg  da  sgillinn  is 
bonn-a-se  dhomh  an  aite  na.  da  sgillinn 
abhaisteach.  Saoileam  gu  bheil  mi  'g  ur 
cluinntinn  a'  deanamh  lachan  gaire  's  ag 
radh  gu'm  b'e  sin  an  call  mor,  mor,  bonn-a-se  ! 
Ciamar  idir  a  fhuair  mi  thairis  air  a  leithid 
sin  de  liighdachadh  a  thighinn  air  mo  sporan  ! 
Ach  cha  b'e  call  a'  bhuinn-a-se  a  thug  orm 
iomradh  a  thoirt  air  idir,  ach  an  rud  a 
thachair  an  uair  a  bha  mi  a'  deanamh  air 
an  dara  car,  an  deidh  dhomh  an  tadhal  a 
dh'ainmich  mi  a  dheanamh.  Siiil  'gan  d'thug 
mi  air  a'  cheum-rathaid  air  an  robh  mi  ag 
coiseachd,  mhothaich  mi  rud  beag  donn  ri 
oir  a'  chabhsair-choise.  Chrom  mi  sios  gU 
siiil  na  bu  mheana  a  thoirt  air,  agus  ciod  a 
bha  an  sud  ach  bonn-a-se  !  Dh'fhag  sin 
m'fharadh  air  an  da  char  aig  an  da  sgillinn 
abhaisteach,  oir  mur  tiginn  thar  a'  cheud 
aon  gus  an  tadhal  sonraichte  ud  a  dheanamh, 
cha  bhithinn  a  choir  a'  cheuma  air  an 
d 'fhuair  mi  am  bonn-a-se. 

Da  latha  'na  dheidh  sin  bha  mi  ag  cur 
buagan  beag  air  falbh  leis  a'  phosta.  Bha 
mi  a'  fagail  an  tighe  roimh  sholus  latha, 
agus  leis  gu  bheil  uinneag  an  t-seomair 
anns  a  bheil  mo  chuid  paipear-sgriobhaidh 
's  a  leithid  sin  gun  bhrat-comhdaich  a  chumail 
a  stigh  an  t-soluis,  agus  air  a  chul  sin  gun 
moran  uine  agam  gu  riirach  sam  bith  a 
dheanamh  air  cheann  na  bha  bhuam — ^label 
gu  chur  air  a'  bhuagan — thug  mi  leam  e  mar 
a  bha  e  gus  am  faighinn  label  an  ait -ei gin. 

Direach  an  uair  a  bha  mi  aig  bonn  na 
sraide  againn  fein  is  a'  tionndadh  a  steach 
air  an  rat  had  anns  a  bheil  mi  a'  faotainn  a' 
chkr,  ciod  a  bha  an  sud  ri  oir  a'  chabhsair- 
choise  ach  label  beag,  ur,  glan,  gun  ni  'ga 
dhith  ach  ainm  an  neach  chon  an  robh  am 
buagan  a'  dol  a  sgriobhadh  air,  ni  nach  robh 
mise  fada  gun  a  dheanamh. 


Aireamh  5 


1943 


Mac  seachranach 

*S^.  T.  Friseal,  an  Dun-eideann 

Is  mise  am  buachaill  maith  ;  leigidh  am  hnachaill  maith  'anam  sios  air  son  nan  caorach. 

— Eoin  X.  II. 


DH'  innis  ban-charaid  naidheachd  dhomh  a 
tha  nochdadh  an  comas  iongantach  a  tha 
againn  uile  air  nithean  spioradail  a  thuigsinn 
tre  nithean  aimsireil.  Fad  bhliadhnachan 
bha  i  a'  teagasg  class  Biobiiill,  balaich 
mhora  a  bha  seaehd  deug  is  ochd  deug  a 
dh'  aois.  Bha  aon  fhear  dhiubh,  Iain,  a 
bha  gu  maith  neo-shuidhichte,  is  cha  robh 
choslas  air  gu  robh  e  ag  eisdeachd  ri  facal 
de  na  bha  i  ag  radh.  Mu  dheireadh  stad  e 
uile  gu  leir  de  dhol  do'n  cTilass.  An  sin 
theich  e  a  tigh  athar,  is  cha  robh  fhios  aca 
c'aite  an  deachaidh  e. 

Chaidh  bliadhnachan  seachad.  Lean  mo 
bhan-charaid  air  iirnuigh  a  dheanamh  air  a  ■ 
shon ;  ach  cha  robh  fhios  aice  air  dad  m'a 
thimchioll.  An  sin  fhuair  i  litir  bhuaith  a 
Astralia,  litir  anns  an  d'  innis  e  mar  a  theich 
e  bho  thigh  athar,  mar  a  rainig  e  baile- 
puirt,  agus  mar  a  fhuair  e  soitheach  a  thug 
dha  an  t-aiseag  gu  Astralia  air  chumhnant 
gu'm  paigheadh  e  fharadh  le  obair. 

Sin  mar  bha.  'Nuair  chaidh  e  air  th  rinn 
e  a  rathad  gu  baile  beag  anns  an  d'  fhuair 
e  obair  agus  deagh  thuarasdal,  is  dh'  fhaod- 
adh  e  bhi  gu  maith  dheth  na'n  d'  thug  e  an 
aire  air  fhein.  Ach  thagh  e  droch  chompan- 
aich,  gillean  a  bhiodh  ag  61.  An  sin  thoisich 
e  fhein  air  61  cuideachd,  agus  chan  e  mhain 
air  61  ach  air  iom.airt,  gus  mu  dheireadh  an 
do  chaill  e  aite  agus  nach  robh  aon  sgillinn 
aige.  Ach  an  aite  aithreachas  a  dheanamh, 
no  a  choire  a  chur  air  a  dhroch  dheanadas 
fein,  bha  e  a'  cur  na  coire  air  daoine  eile. 
Mu  dheireadh  cha  robh  foidhe  ach  an  rathad 
a  ghabhail,  a'  cumail  corp  is  anam  r'a  cheile 
le  bhi  deanamh  seorsa  air  bith  oibre  a 
gheibheadh  e  bho  thuathanaich  anns  an  dol 
seachad. 

Thainig  e  an  sin  gu  tigh  tuathanaich  a  dh' 
fhasdaidh  e  gu  bhi  a'  cuideachadh  nan 
ciobairean.  Cha  robh  air  iarraidh  air  ach 
cuid  de  na  caoraich  a  thre6rachadh  gu  aite 
anns  an  robh  feur  maith,  agus  an  aire  a 
thoirt  orra  nach  rachadh  iad  air  chall. 


Caora  dhubh 

Dh'  innis  e  anns  an  litir  mar  a  thachair 
dha  aon  fheasgar  Sabaid,  agus  e  a'  sealltainn 
air  na  caoraich  a  bha  air  a  churam.  Laigh 
a  shuil  air  caora  dhubh  a  bha  comharraichte 
am  measg  nan  caorach  bana.  Bha  i  a'  sior 
tharruing  air  falbh  bho  chach,  is  bha  fhios 
aige  nach  b'  fhada  an  iiine  gus  an  rachadh 
i  a  steach  do'n  Choille  a  bha  Ian  dhrisean  is 
dhroigheann,  na'n  leanadh  i  oirre  mar  bha 
i  a'  deanamh.  Na'n  reachadh  i  a  steach  do'n 
Choille,  agus  na'n  rachadh  na  drisean  an  sas 
'n  a  cl6imh  theagamh  gu'm  biodh  i  marbh 
m'ani  faighteadh  i.  Mar  bha  a  shtiilean  a' 
leantuinn  na  caorach  leum  e  gu  grad  'n  a 
inntinn  gu  robh  e  direach  a'  sealltuinn  air 
a  dhealbh  fein  ann  an  sgathan,  peacach 
dubh-chridheach,  seachranach,  caillte. 

A  dhealbh  fein 

Cha  b'  urrainn  e  aicheadh,  is  cha  mh6  a 
b'  urrainn  e  a'  choire  a  chur  air  neach  eile. 
Chrom  e  a  cheann  le  naire,  a'  foluch  aodainn 
le  a  lamhan,  agus  a'  meacanaich  mar  gu'm 
biodh  paisde. 

'N  a  theanntachd  agus  an  eiginn  anama 
ar  leis  gu  robh  e  a'  cluinntinn  a  sheana 
bhan-charaid  a'  leughadh  nam  briathran  udj 
le  guth  min  tlath  nan  Gaidheal,  "  Is  mise  am 
buachaille  maith;  leigidh  am  buachail-U 
maith  anam  sios  air  son  nan  caorach" 
(Eoin  X.  11). 

Bha  fhios  aige  gu  maith  gur  e  briathran 
Chriosd  a  bha  anns  na  briathran  ud,  is 
chaidh  e  air  a  ghliiinean;  ag  tirnuigh  mar  so, 
"  A  bhuachaille  mhaith,  is  e  an  dubh  pheacach 
a  tha  annam-sa,  nigh  mi  agus  glan  mi,  agus 
na  leig  air  seachran  mi  a  r is."  .  .  .  Dh'  eirich 
faireachduin  'n  a  chridhe  gu  robh  e  air  a 
ghlanadh  o  thruaillidheachd  a'  pheacaidh, 
agus  gu'n  robh  Spiorad  dliith  dha  a  bha  cho 
caomhail  agus  cho  laidir  's  nach  robh  eagal 
air  nach  robh  e  a  nis  tearuinte  gu  siorruidh. 

An  uair  a  dh'  eirich  e  a  dhol  as  deidh  na 
caorach  a  bha  falbh  o'n  trend  bha  e   'n  a 


MAC  SEACHRANACH 


dhuine  nuadh,  'n  a  dhuine  anns  an  robh 
neart  ur  nach  buineadh  dha  fein.  Bha  e  air 
a  "  bhreith  a  ris."  Bha  an  Tighearn  losa 
Criosd  'n  a  Shlanuighear  dha,  agus  'n  a 
mhaighstir,  agus  'n  a  charaid ;  chaidh  seann 
nithean  seachad  is  bha  an  saoghal  uile  air 
a  dheanamh  ur  dha,  is  bha  iarraidh  aige  gu'm 
biodh  fhios  aig  a  sheana  bhan-charaid  air  an 
aoibhneas  a  bha  'n  a  cridhe,  aoibhneas  na 
slainte.  Thug  an  litir  anns  an  d'  innis  e  sud 
dhi  barrachd  sonais"  dhi  na  thug  litir  eile 
a  fhuair  i  riamh. 

A  chraicionn  dubh  f  6in 

Thug  a'  chaora  dhubh  ud  air  Iain  creidsinn 
ann  an  nithean  nach  robh  e  a'  faicinn  le  a 
shuilean.  Am  faca  tu  riamh  thu  fein,  a 
leughadair,  mar  tha  thu  ann  an  sealladh 
Dhe  ?  An  ereid  thu  gu  bheil  do  chridhe  a 
cheart  cho  dubh  ri  craicionn  na  caorach  ud  ? 
Maith  dh'  fhaoidte  nach  do  chuir  thu  an 
gniomh  na  peacaidhean  a  chuir  an  gille  ud 
an  gniomh,  ach  pheacaich  thu  an  aghaidh 
Dhe  air  a  shon  sin  is  tha  gach  seorsa  peacaidh 
a'  goirteachadh  cridhe  Dhe  agus  'g  ar 
dealachadh  bhuaith,  co  dhiu  is  e  uabhar, 
no  feinealachd,  no  breugan,  no  fearg  a  tha 
ann. 

Theagamh  gu  bheil  e  duilich  do  chuid  de 
dhaoine  a  chreidsinn  gu  bheil  losa  dluth 
dhaibh.  Tha  naidheachd  an  t-soisgeil  mar 
sheann  sgeul  dhaibh;  nithean  a  thachair  o 
chionn  fhada  ach  nach  'eil  a'  tachairt  an 
diugh.  Do  bhrigh  nach  fhaca  iad  losa 
riamh,  agus  nach  aithne  dhaibh  neach  eile 
a  chunnaic  e,  cia  mar  a  dh'  fhaodas  fhios 
a  bhi  aca  gu  bheil  e  bed,  agus  gu  bheil  e 
comasach  air  an  tearnadh  ? 

Ach  tha  daoine  a'  creidsinn  ann  an  iomadh 
rud  nach  fhaca  iad  riamh.  Chan  fhaic  thu 
an  grddh  a  tha  ann  an  cridhe  duine  ach  air 
a  shon  sin  tha  thu  a'  creidsinn  ann,  'nuair 
chi  thu  an  duine  a'  deanamh  gniomh  troc- 
aireach. 

Tha  cuimhne  agad  mar  thachair  do  Phol. 
Ged  dh'  innis  na  h-abstoil  agus  daoine  eile 
gu'm  faca  iad  losa  an  deidh  a  bhais,  agus 
gu'n  do  bhruidhinn  e  riu,  cha  robh  Saul  a' 
creidsinn  facal  dheth.  Bha  e  an  duil  gu 
robh  iad  'g  am  mealladh  fein,  is  fhuair  e 
ughdarras  na  daoine  a  bha  ag  innseadh 
naidheachd  air  nach  robh  dreach  na  firinn  a 
chur  am  priosan,  air  eagal  gu'n  sgaoileadh 
a'  bhreug.  Ach  mar  dh'  fhaodas  tu  fhaicinn 
anns  an  naoieamh  caibideil  de  Ghniomharan 
nan  Abstol  thachair  Criosd  ri  Pol,  is  bhruidh- 
inn e  ris,  agus  o'n  la  sin,  bha  Pol  'n  a  dhuine 
nuadh.  Chreid  e  gu  robh  losa  beo  aig  deas 
laimh  Dhe.     Chaidh  e  steach  do  rioghachd 


Dhe  le  creideamh.  Bha  e  o'n  uair  sin  am 
measg  nan  creidmheach.  "  Creid  anns  an 
Tighearn  losa  Criosd  is  bithidh  tu  air  do 
thearnadh."  Ciod  a  tha  ann  an  creideamh 
ach  gu  bheil  duine  a'  faicinn  nithean  neo- 
fhaicsinneach  le'  siiil  na  h-inntinn  agus  an 
anama  ? 

Theagamh  gu'n  cual  thu,  a  leughadair,  mu 
Eilidh  Keller,  boirionnach  talantach  de 
mhuinntir  America,  a  rugadh  dall,  bodhar, 
balbh.  'Nuair  bha  i  'n  a  paisde  cha  b' 
urrainn  neach  air  bith  companas  no  conalt- 
radh  a  dheanamh  rithe  ;  chan  f  haiceadh  i,  is 
cha  chluinneadh  i,  is  cha  bhruidhneadh  i. 
A  reir  choslais  cha  robh  uinneag  no  dorus  a' 
fosgladh  a  steach  d'a  h-inntinn. 

Chaidh  boirionnach  caomhail  truacanta  a 
dh'  fhuireach  comhla  rithe,  a  dh'  fheuchainn 
an  gabhadh  an  tiugh-dhorchadas  anns  an 
robh  i  beo  soillseachadh  air  dhoigh  air  bith. 

Cumhachd  a'  ghraidh 

B'e  a'  cheud  rud  a  rinn  i  feuchainn  ri 
thoirt  air  Eilidh  Keller  a  thuigsinn  gu  robh 
gaol  aice  oirre.  An  ceann  beagan  iline 
thoisich  a'  chaileag  air  nochdadh  gu  robh 
earbsa  aice  anns  a'  bhoirionnach  agus  gu 
robh  i  a'  taiceachadh  rithe. 

La  an  sin  ghlac  am  boirionnach  lamh 
Eilidh  is  sgriobh  i  uair  is  uair  air  a  bois  litir 
de'n  aibideil  gus  an  d'  ionnsaich  a'  chaileag 
an  litir.  Am  maireach  sgriobh  i  litir  eile, 
agus  uidh  air  'n  uidh  mar  sin,  gus  an  d' 
ionnsaich  i  an  aibideil  air  fad. 

'N"  a  dheidh  sin  sgriobh  i  facail  ach  bha  e 
duilich  a  thoirt  oirre  a  thuigsinn  ciod  a  bha 
na  facail  a'  ciallachadh.  Gus  so  a  theagasg 
dhi  thug  i  aon  la  do'n  gharradh  i  far  an  robh 
piob  uisge ;  chuir  i  lamhan  na  caileig  fo'n 
phiob  is  leig  i  leis  a'  phiob  ruith,  agus  an 
sin  sgriobh  i  am  facal  uisge  air  a  laimh. 
Thainig  aoibh  air  aodann  Eilidh,  oir  thuig 
i  ciod  a  bha  am  facal  uisge  a'  ciallachadh. 
Lean  am  boirionnach  oirre  mar  sin  gus  an 
robh  dealbh  aig  a'  chaileig  'n  a  h-inntinn  air 
nithean  nach  fhaca  i  riamh-;  beanntan  is 
aibhnichean,  is  cuan,  is  eich,  is  crodh,  agus 
ceud  rud  eile. 

An  diugh  cha  mhor  dhaoine  a  tha  cho 
ionnsaichte  ri  Eilidh  Keller,  no  aig  a  bheil 
inntinn  cho  geur,  no  tha  cho  sona  rithe. 
Na'n  rachadh  tu  'g  a  faicinn  sgriobhadh 
duine-eigin  air  a  laimh  co  ris  a  bha  thu 
coltach,  agus  anns  a'  mhionaid  bhiodh  do 
dhealbh  'n  a  h-inntinn. 

Is  ann  an  doighean  mar  so  a  tha  sinne  a" 
faicinn,  le  comhnadh  an  Spioraid  Naoimh, 
losa    mac    Dhe.    Slanuighear    agus    Caraid 


MAG  SEACHRANACH— AM  BAISTEADH 


3 


pheacach.  Chan  fhaic  sinn  e  leis  an  t-suil 
chorparra ;  chan  'eil  doigh  air  am  faigh  sinn 
(learbhachd  gu  bheil  e  beo  agus  gu  bheil  e 
dluth  dhuinn  ach  le  bhi  creidsinn  ann  agus 
le  bhi  gabhail  ris.  Tha  miltean  de  chreid- 
mhich  anns  an  t-saoghal  a  tha  cho  cinnteach 
gu  bheil  losa  beo  agus  maille  riu  's  a  tha 
iad  cinnteach  as  na  daoine  a  tha  anns  an 
aon  teaghlach  riu.  Bruidhnidh  iad  ris  mu 
gach  ni  'n  am  beatha,  is  tha  fhios  aca  gvi 
bheil  comhfhulangas  aige  riu  nach  eil  aig 
neach  eile. 

Eisd  agus  creid 
So    agad,     a    leughadair,     briathran    an 
Tighearn  losa  fein,  an  neacK  a  ghradhaich 
sinn  le  gradh  siorruidh,  agus  nach  urrainn 
breug  a  dheanamh  : — 


"  An  ti  a  thig  am  ionnsuidh  cha  tilg  mi  air 
chor  sam  bith  a  mach  e  "  (Eoin  vi.  37). 

"  Thigibh  am  ionnsuidh-sa  sibhse  uile  a  ta 
ri  saothair  agus  fo  tlirom  uallaich  agus  bheir 
mise  suaimhneas  dhuibh  "  (Mata  xi.  28). 

"Bheir  mi  a'  bheatha  mhaireannach 
dhaibh  agus  cha  sgriosar  iad  am  feasd, 
ni  mo  a  spionas  neach  air  bith  asm  o  laimh 
iad  "  (Eoin  x.  28). 

Thig  thusa,  ma  ta,  gu  Criosd.  Gabh  air 
fhacal  e,  agus  creid  ann  ged  nach  faic  thu  e. 
Ma  ni  thu  sin,  chi  thu,  mar  chimnaic  an  gille 
ud,  gu'n  dean  Criosd  creutair  nuadh  dhiot, 
agus  gu  bheil  e  comasach  air  t'  anam  a 
shaoradh,  agus  a  ghlanadh,  agus  a  choimhead, 
fa  chomhair  la  a  theachd. 


Am   Baisteadh 

An  t-Ollamh  Colla  DdmhnuUach 


ANN  an  samhchar  a'  ghlinne  bha  mi  Sabaid 
le  caraid  m'  oige,  am  ministear.  Ar  learn 
gu  'm  bheil  sith  na  siorruidheachd  anns  a' 
ghleann.  Tha  beanntan  arda  air  gach  taobh 
mar  bhallachan  a  thog  famhairean  an  uair 
a  bha  an  saoghal  6g.  Tha  abhainn  a  tha 
iomraiteach  ann  an  eachdraidh  agus  an 
drain  a'  ruith  troimh  mheadhon  a'  ghlinne, 
agus  air  leanag  bhoidheach  ann  an  achlais 
na  h-aibhne  tha  eaglais  na  sgir. 

Cha  b'  ann  an  de  a  thogadh  an  eaglais. 
Tha  a  ceud  choimhthional  a'  cadal  mu'n 
cuairt  orra.  Ach  sean  agus  mar  a  tha  i, 
bha  eaglais  air  an  laraich  cheudna  linntean 
air  thoiseach  oirre. 

Chunnaic  Calum  Cille  no  a  chompanaich 
an  gleann,  agus  le  siiil  gheur  nach  trie  a  rinn 
mearachd  thagh  iad  an  reidhlean  uaine  mar 
acair  naomh  air  son  tigh  an  Tighearna. 
Chiim  seirbhisich  dhileas  Dhe  creideamh 
slainteil  beo  anns  a'  ghleann. 

Tha  tigh-mor  an  uachdarain  air  tulaich  a 
tha  cuartaichte  le  doire  dharaich,  ach  ged 
a  lean  an  teaghlach  ri  dachaidh  an  athraich- 
ean  chaill  iad  an  oighreachd  mhaiseach  a 
bha  aon  uair  air  ainmeachadh  orra. 

Ann  am  braighe  a'  ghlimie  tha  tigh  mor 
iir  a  thog  an  Sasunnach  a  cheannaich  a' 
mhor-chuid  de  'n  oighreachd.  Ach  ged  is 
trom  a  sporan  agus  straiceil  a  cheum  is  e  an 
seann  uachdaran  is  docha  le  muinntir  a' 
ghlinne.  Tha  esan  fad  na  bliadhna  a  stigh 
agus  a  mach  feadh  tighean  an  t-sluaigh. 
Thig  an  Sasunnach  an  uair  a  tha  am  fraoch 
fo  bhlath,  agus  ged  tha  e  caomhail  tabhart- 


ach,  tha  amharus  aig  muinntir  a'  ghlinne 
gur  mo  a  thlachd  ann  an  cearcan  ruadh  a' 
mhonaidh  agus  easagan  nam  preas  na  ann 
an  daoine  bochda  air  an  oighreachd. 

Dealaichte  o  shluagh 

Is  ann  de  'n  eaglais  Shasunnach  e,  agus 
cha  do  ghabh  e  seilbh  fhathast  air  aite  an 
uachdarain  anns  an  eaglais.  Chan  'eil  an 
duine  ri  choireachadh  gu  'm  buin  e  do  'n 
eaglais  easbuigeach.  Is  ann  innte  a  bhaist- 
eadh  e.  Ach  cha  bhiodh  anam  ann  an  cunnart 
sam  bith  ged  rachadh  e  do  thigh  Dhe  le 
muinntir  a'  ghlinne.  Chan  'eil  e  furasda  le 
tuath  agus  buachaillean  a'  chreidsinn  gu  'm 
bheil  e  'na  bhall  dileas  ann  an  eaglais 
Chriosdaidh  sam  bith.  Am  fear  a  theid  a 
dh'  iasgach  blnradan  agus  bhreac  air  an 
t-Sabaid  chan  'eil  e  coimhead  la  an  Tighearn 
naomh.  Is  eu-coltach  e  le  storas  ris  an 
t -seann  duine  uasal  ann  an  Tigh  na  tulaich. 
Theid  esan  gu  riaghailteach  do  'n  eaglais 
gach  Sabaid.  Tha  e  'na  fhoirfeach,  agus  is 
trath  a  ruigeas  e  an  eaglais  agus  is  cairdeil  a 
chuireas  e  failte  air  sean  agus  6g.  An  uair 
a  bhitheas  an  t-seirbhis  seachad,  toisichidh 
conaltradh  ann  am  fasgadh  na  h-eaglais 
agus  le  faidhidinn  agus  cairdeas  eisdidh  an 
seann  duine  uasal  ri  sgeul  nan  cairdean  agus 
nan  coimhearsnach. 

Choisinn  e  urram  agus  gradh  an  t-sluaigh, 
agus  is  trie  a  ghabhas  iad  cothrom  air  am 
mor-speis  a  nochdadh  dha. 

An  uair  a  bhris  an  cogadh  a  mach  bha  an 
Sasunnach  air  tighinn  do  'n  ghleann  a 
mharbhadh  nan  cearcan-fraoich   agus   nam 


AM  BAISTEADH 


fiadh,  Bha  e  air  bhoil  agus  air  bhainidii  le 
gradh-duthcha,  agus  ghairm  e  an  sluagh  do 
'n  tigh  sgoile  agus  le  beurla  mhor-fhaclach 
nach  tuigeadh  daoine  gun  fhoghlum  thoisicli 
e  air.ctiisean  nan  rioghachdan  a  mhineach- 
adh,  agus  sparr  e  air  an  oigridh  an  dleasanas 
do  'n  righ  agus  do  'n  duthaich. 

Cha  d'  fhuair  e  uidhir  agus  aon  saighdear, 
agus  rainig  e  Tigh.  na  tulaich  a'  caineadh 
agus  a'  smMadh  muinntir  a'  ghlinne  mar 
ghealtairean  gun  dilseachd  d'  an  righ  agus 
gun  ghradh  d'  an  diithaich.. 

Is  olc  a'  ghloir  nach  fhaodar  eisdeachd, 
thubhairt  an  seann  duine  ris  fein,  ach.  cha 
d'  thubhairt  e  moran  ris  an  t-Sasunnach. 

Mu  dheireadh  an  fhoghair  bha  coinneamh 
eile  anns  an  tigh -sgoile.  Bha  Fear-na-tulaich 
anns  a'  chathair  agus  chuir  e  gu  reidh  ciallach 
an  dleasanas  mu  choinneamh  an  t-sluaigh. 
Chuir  e  'n  an  cuimhne  na  seann  laithean  an 
uair  a  lean  an  sinnsearan  athraichean  agus 
a  choisinn  iad  cliu  fo  bhratach  bhuadhach. 
Dh '  innis  e  dhaibh  mu  aon  mhac  fein  a  thuit 
anns  an  Fhraing.  Taobh-a-stigh  de  sheach- 
duin  cha  robh  gille  6g  anns  a'  ghleann  nach 
robh  ann  an  eideadh  saighdeir. 

Am  posadh 

Ach  tha  mi  a'  ruith  troimh  mo  sgeul,  agus 
tha  'n  t-am  agam  tilleadh  air  mo  cheum. 
Chan  fhacas  anns  an  eaglais  aon  chuid 
posadh  no  baisteadh  gus  an  d'  thainig  an 
t-uachdaran  iir.  Mar  is  trie  a  thachras 
thug  e  leis  teaghlaichean  Sasunnach  do  'n 
ghleann.  'N  am  measg  bha  nighean  mhais- 
ach  bhan,  agus  thuit  i  fein  agus  an  t-eunadair 
ann  an  gaol.  Bha  esan  an  geall  air  a  posadh 
agus  a  reir  cleachdadh  na  h-airde  deas  bha  i 
fein  agus  a  muinntir  a  dh'  aon  inntinn  gu  'm 
biodh  am  posadh  anns  an  eaglais. 

Cha  robh  esan  idir  toilichte  ach.  seach  an 
nighean  bhan  a  dhol  seachad  air,  chuir  e 
coimheachas  a  naduir  a  dh'aon  taobh  agus 
bha  am  posadh  anns  an  eaglais  agus  a' 
bhanais  anns  an  tigh-mhor. 

Bha  an  eaglais  cho  Ian  agus  a  bha  i  riamh 
air  la  comanachaidh.  0  bhraighe  agus  o 
iochdar  a'  ghlinne  chruinnich  an  sluagh, 
scan  agus  6g,  fir  agus  mnathan,  balaich  agus 
caileagan.  Bha  beannachd  chairdean  agus 
luchd-eolais  cho  maith  ri  beannachd  a' 
mhinisteir  air  a'  charaid  oig.  Ach  air  oidhche 
na  bainnse  bha  monmhur  ann  an  tighean  a' 
chlachain  agus  bha  cuid  am  beach  d  gu  'n 
robh  an  gleann  a'  fas  gallda. 

Ach  ma  dhtiisg  posadh  's  an  eaglais 
conaltradh  's  a'  ghleann,  cha  bu  lugha 
seanachas  an  uair  a  chaidh  fathunn  a  mach 


gu'n  robh  baisteadh  a'  doi  a  bhi  anns  an 
eaglais. 

Ciod  an  t-aite  a  tha  cho  iomchuidh  ris  an 
eaglais  air  son  na  seirbhis  so  ?  Chan  'eil 
sealladh  eile  anns  an  t-saoghal  mhor  as 
maisiche  na  caraid  6g  fhaicinn  'g  an  coisrige- 
adh  fein  agus  tiodhlac  Dhe  do  Dhia  anns  an 
eaglais. 

Am  baisteadh 

Ach  chan  fhaca  muinntir  a'  ghlinne 
baisteadh  anns  an  eaglais,  agus  cha  robh 
iad  cinnteach  gu  'n  robh  an  cleachdadh  iir 
ri  mholadh. 

Ach  thachair  ni  ann  an  eaglais  a'  ghlinne 
air  Sabaid  a'  bhaistidh  a  lion  cridheachan 
a'   choimh-thionail  le  eagal  diadhaidh. 

Bha  an  la  blath  boidheach  ann  an  6g-mhios 
an  t-samhraidh.  Bha  Fear-na-tulaich  'na 
aite  gnathaichte,  agus  na  tuathanaich  agus 
am  mnathan,  ciobairean  agus  luchd-seilg 
anns  an  eaglais.  Bha  na  dorsan  fosgailte, 
faileadh  cubhraidh  nan  craobh  a'  lionadh  an 
tighe  agus  fuaim  na  h-aibhne  mar  cheol  fad 
as  'n  an  cluasan. 

Cha  robh  an  searmon  fada.  Bha  fhios  aig 
a'  mhinisteir  gu'm  b'e  am  baisteadh  priomh 
obair  an  la  agus  bha  e  deonach  gu  'n  tuigeadh 
an  sluagh  cho  freagarrach  agus  a  tha  an 
eaglais  air  son  seirbbis  anns  am  bheil  parantan 
'g  an  coisrigeadh  fein  agus  am  paisdean  do 
Dhia. 

Gu  mall,  socrach  theirinn  e  staidhir  na 
ctij^aid,  agus  aig  bun  na  staidlireach  sheas  e, 
an  t-eunadair  mu  choinneamh  agus  a'  bhean 
ann  an  eideadh  riomhach  na  bainnse  'na 
suidhe  leis  an  naoidhean  'n  a  h-uchd. 

Sheiim  an  coimhthional  laoidh  a'  bhaistidh 
agus  thog  am  ministear  a  ghuth  aimi  an 
iirnuigh  dhtirachdach.  Thug  e  buidheachas 
do  Dhia  air  son  a  mhaitheis  agus  a  throcair 
do  na  h-uile  dhaoine,  agus  gu  sonruichte  do 
'n  charaid  oig  d'  an  d'thug  e  leanabh  maoth. 
Dh '  iarr  e  lathaireachd  agus  beannachadh  an 
Tighearn,  a'  guidhe  gu  'n  daingneachadh 
esan  air  neamh  an  t-seirbhis  anns  an  robh 
iad  'g  an  cleachdadh  fhein  air  thalamh. 

An  columan 

An  uair  a  bha  an  cinn  crom  ann  an 
umhlachd  agus  an  cridheachan  a  co-aomadh 
aixn  an  durachd  leis  a'  mhinisteir,  thainig 
caiman  geal  a  stigh  ag  itealaich  mu  'n  cuairt. 
Bha  am  ministear  a'  labhairt  ann  an  cainnt 
dhriiidhteach  ris  na  parantan,  a'  deanamh 
gairdeachas  leo  'n  an  aoibhneas,  a'  sparradh 
orra  an  dleasanas  ur  agus  'g  an  stiiiradh  gu 
tobar  a'  ghliocais  agus  an  neirt. 


AM  BAISTEADH— DEAGH  EHUEAGRADH 


Sheol  an  colamun  tri  uairean  mu  'n  cuairt 
air  na  parantan  agus  am  paisde  agus  an  sin 
sheas  e  air  aite-suidhe  laimh  ris  an  t-seann 
fhoirfeach,  Fear-na-tulaich .  Thainig  cunntas 
an  t-soisgeulaiche  air  baisteadh  Chriosd  gu 
inntinn  a'  mhinisteir,  agus  leugh  e  ann  an 
eisdeachd  a'  choimhthionail  na  briathran 
so : — "  Agus  an  uair  a  bhaisteadh  losa 
chaidh  e  air  ball  suas  as  an  uisge;  agus, 
feuch,  dh'  fhosgladh  neamh  dha,  agus 
chunnaic  e  Spiorad  Dhe  a'  tuirling  mar 
choluman,    agus   a'   teachd   airsan.      Agus, 


feuch,  guth  o  neamh,  ag  radh,  is  e  so  mo 
Mhac  gradhach,  anns  am  bheil  mo  mhor- 
thlachd." 

Bha  an  coimhthional  a  dh'  aon  inntinn 
gu  'n  robh  Spiorad  Dhe  maille  riu  ann  am 
baisteadh  na  h-eaglais.  Tha  paisdean  a' 
ghlinne  nis  uile  air  am  baisteadh  ami  an  tigh 
Dhe,  agus  ged  nach  d'  thainig  colamun  geal 
o  'n  am  ud,  tha  muinntir  a'  ghlinne  cinnteach 
gu  'm  bheil  Spiorad  Dhe  leo  anns  an  eaglais. 
Agus  CO  a  chuireas  'n  an  aghaidh  ? 


Deagh  Fhreagradh 


Leis  an  Urramach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-rno-Naomhaig 


IS  toigh  leinn  uile  duine  tapaidh  d'  an  aithne 
e-fein  a  thoirt  a  c^s  le  cuimseachd  fhacail. 
Air  dhomhsa  a  bhi  a'  leughadh  iomraidh  air 
sgireachd  Albhaidh  ann  an  siorramachd 
Inbhir-nis,  thainig  mi  tarsuinn  air  naidheachd 
bhig  a  thaitinn  rium  gu  mor,  anns  am  bheil 
an  tapadh  ud  a'  deanamh  feuma  ris  nach 
robh  fiughair.     So  mar  a  tha  i  a'  ruith — • 

An  deidh  blar  Chiiil-fhodair,  rainig  buidhe- 
ann  de  na  Gaidheil  a  bha  air  faondradh  tigh 
ministear  sgireachd  Albhaidh.  B'  e  ainm  a' 
mhinisteir  Uilleam  Gordon.  Bha  na  fir  sgith 
le  alaban,  agus  fann  le  cion  a'  bhidh;  cha 
robh  air  cuid  dhiubh  ach  gu-'n  robh  iad  'n 
an  seasamh.  Dh'  iarr  iad  air  a'  mhinisteir 
fuasgladh  a  thoirt  dhaibh,  ged  a  bha  fhios 
aca  gu  robh  sin  toirmisgte  do  na  h-uile  le 
bagraidhean  troma.  Chan  'eil  e  air  innseadh 
CO  an  taobh  de  chomh-stri  na  h-aimsir  ait 
an  robh  am  ministear ;  ach  tha  e  gle  choltach 
nach  .b'  ann  air  taobh  Thearlaich.  Ach  ma 
's  ann  mar  sin  a  bha,  cha  do  dhall  e  a  shiiilean 
a  thaobh  a  dhleasdanais ;  thug  e  a  stigh  na 
h-ainnisich,  agus  thug  e  dhaibh  gach  beath- 
achadh  agus  comlifhurtachd  a  bha  'n  a 
chomas.  Air  dhaibh-san  an  t-iirachadh  ud 
f haotainn,  thog  iad  orra,  mar  a  dh'  fheumadh 
iad,  ris  a'  mhonadh ;  oir  bha  an  torachd  as 
an  deidh. 

Ach  cha  b'  fhada  gus  an  cuala  Diuc 
Chumberland  a  chobhair  a  rinn  am  minis - 
tear  air  na  reubalaich,  agus  chuir  e  gairm 
d'  a  ionnsaidh  a  bhi  fa  chomhair-san  air 
latha  sonruichte  ann  an  Inbhir-nis,  a  fhreag- 
airt  air  son  a  chionta. 

Cha  robh  coslas  ro  thlachdmhor  air  a' 
ghnothuch,  ach,  co  dhiubh,  aig  an  am 
shuidhichte,  sheas  am  ministear  air  beulaibh 
an  Ditica. 


"  Am  bheil  e  fior  "  dh'  fheoraich  an  Diiic, 
"  gu  'n  d'  thug  thusa  cobhair  do  bhuidheann 
de  na  reubalaich,  a'  toirt  dillain  do  m' 
6rdugh-sa,  mar  a  tha  air  innseadh  ort  ?  " 

"  Chan  'eil  mi  'g  a  aicheadh,"  ars  am 
ministear,  "  ach  le  'r  cead,  tha  mise  ann  an 
teanntachd  nach  beag,  eadar  da  aithne,  a 
tha  calg-dhireach  an  aghaidh  a  cheile,  agus 
iad  le  cheile  a'  tighinn  thugam  o  ard  tighd- 
arras.  Tha  Mac  mo  Righ  Neamhaidh  ag 
aithneadh  dhomh  an  t-acrach  a  bheath- 
achadh,  an  lomnochd  a  chomhdachadh,  biadh 
agus  deoch  a  thoirt  eadhon  do  'm  naimhdean, 
agus  cobhair  a  dheanamh  air  gach  creutair  a 
tha  ann  an  cas,  c6  air  bith  e,  a  thig  n'  am 
rathad. 

Air  an  laimh  eile,  'tha  mac  mo  righ  thal- 
amhaidh  ag  aithneadh  dhomh  an  seors'  ud 
fhuadach  o'm  dhorus,  mo  chridhe  a  chruadh- 
achadh  an  aghaidh  an  f  heumalaich  agus  mo 
chobhair  a  dhiiiltadh  do  'm  chomh-chreutair 
a  tha  ann  an  eigin.  Am  bi  bhur  Morachd 
cho  maith  is  gu  'n  abair  sibh  c6  de  'n  da 
aithne  sin  d'  an  coir  dhomhsa  iimhlachd  a 
thabhairt  ?  " 

"Air  gach  aon  chor,"  fhreagair  an  Ditic, 
"  thoir  umhlachd  do  aithne  Mhic  an  Righ 
Neamhaidh.  Chan  'eil  thu  idir  mar  a  chuire- 
adh  as  do  leth.  Pill  dhachaidh  ann  an  sith, 
agus  dean  a  reir  spiorad  caomh  an  t-soisgeil 
sin  is  e  do  ghnothuch  a  bhi  a'  searmon- 
achadh." 

Bu  mhaith  a  fhreagair  am  ministear,  agus 
cha  bu  dona  a  labhair  an  Diiic,  ged  bu 
chruaidh  e. 

Tha  an  naidheachd  a'  sgur,  a'  moladh  na 
dithis  aca.  Ach  air  mo  shon  fein,  tha  mi  ag 
aideachadh  gu  'n  do  chuir  an  deireadh  gasda 


G 


DEAGH  FHREAGKADH— AN  DUINE  MI-FHEIN 


so  oirre  ionghnadh  nach  beag  orm;  oir  gu 
soilleir  chuir  an  Diuc  a  riaghailt  fein  bun 
OS  cionn,  ni  nach  dean  seanalair  airm  a 
nasgaidh,  agus  ni  nach  motha  a  bha  an 
Diuc  a'  ciallachadh,  a  reir  a  ghiulain  an 
deidh  sud. 

Am  fac  e  an  solus,  gu  bheil  ughdarras  lagh 
Dhe  thairis  air  na  h-uile  agus  os  cionn 
ughdarras  airm  no  Staide  ?  An  do  thuig  e 
gur  e  dleasdanas  nan  uile  trocair  fhoillseach- 
adh  do  dhaoine  a  tha  ann  am  aire,  a  dh' 
aindeoin  lagh  diithcha  no  Diiica  ? 

Cha  chreid  mise  nach  robh  e  ann  an  ceo 
mu  'n  ghnothuch.  Mar  shaighdear,  bha  e 
ag  amharc  air  a'  mhinistear  mar  sheors'  eile 
de  shaighdear  a  bhoidich  a  bhi  umhal  do 
lagh  Dhe,  agus  d'  am  bu  ghnothuch  ordugh 
an  Ard-chommandair  a  ghiulan  a  mach,  a 
dh'  aindeoin  c6  a  theireadh  atharrachadh. 
B'  e  sin  a  dhreuchd.  Mar  sin,  cha  robh 
Uilleam  Gordon  ach  a'  deanamh  a  dhleasd- 
anais  mar  dheagh  shaighdear. 

Ach  na'm  be  tuathanach  no  greasaiche  a 
bha  ann,  ged  a  labhradh  e  na  dearbh 
bhriathran  a  labhair  am  ministear,  tha 
amharus  laidir  agamsa  nach  deachaidh  dha 
cho  maith ;  chan  'eil  mi  idir  a'  creidsinn  gu 
'n  aidicheadh  an  Diixc  gun  mhor  argumaid 


is  gagail,  gu  bheil  aithne  Dhe  ri  bhi  air  a 
coimhead  le  tuathanach  a  cheart  cho  coguise- 
ach  is  a  tha  i  le  ministear.  Mar  sin,  cheadaich 
e  do  'n  mhinistear  an  dearbh  ni  air  son  am 
priosanaicheadh-  no  an  crochadh  e  daoine 
"eile. 

Ach  ma  chaidh  an  Ditic  cho  fada  sud, 
thigeadh  air  mu  dheireadh  dol  na  b'  fhaide, 
agus  ma  mhol  e  do  'n  mhinistear  a  bht 
trocaireach,  agus  a  bhi  a'  searmonachadh 
lagh  na  trocair,  is  gann  a  bhiodh  e  'n  a 
chomas  coire  fhaotainn  do  thuathanach  no 
do  ghreasaiche  'n  a  chiomhthional,  a  dh' 
ionnsaicheadh  gu  maith  bhuaithe;  agus 
n'an  robh  an  sluagh  am  bitheantas  mar  a 
bha  Uilleam  Gordon,  dh'  fheumadh  Cum- 
berland an  dara  cuid  an  sgrios,  no  a  riaghailt 
fein  atharrachadh.  Anns  an  eadar-dha- 
sholus  anns  an  robh  e,  cha  d'  atharraich  e  a 
riaghailt ;  is  ann  a  dh'  fhag  e  'n  a  dheidli 
f  ior  dhroch  chliii  air  son  cruais  ris  an  t-sluagh, 
gun  tiir,  gun  aobhar,  gun  fheum. 

Ach  an  deidh  sin  uile,  b'  fhearr  e  na  na 
h-uamhasaich  a  tha  air  cheann  na  Gearmailt 
an  diugh ;  chan  aidicheadh  iadsan  gu  bheil 
iighdarras  lagh  Dhe  os  cionn  ordugh  Hitleir ; 
agus  bhitheadh  Uilleam  Gordon  a'  paigheadh 
air  son  a  chionta  ann  am  priosan  no  le  cheann. 


An  Duine  Mi-Fhein 

Bha  an  duan  so  air  a  dheanamh  le  Aindreas  Ndbul  nach  maireann  ;  a  bha  'n  a  Mhaigstir- 
sgoile  Gaidhlig  ann  an  Gleann-dail,  an  Sgir  Dhiuirinis  's  an  Eilean  Sgitheanach. 


1 .  Thug  mi  beum  air  Maighstir-Eein, 
Air  cuid  de  ghne  's  dhe  lubaireachd. 
Is  thuirt  e  fein  rium  anns  an  uair, 
Gur  math  a  fhuair  mi  smiiid  thoirt  air, 
Oir  is  tearc  iad  anns  an  tir, 

A  thuig  a  lin  's  a  chuilteireachd, 
A  thuig  a  chur  cho  math  riut  f  hein, 
'S  gur  eigin  gu  'm  bi  cliti  agad. 

2.  Ach  ciod  a  ni  mi  ris  a'  phlaigh, 
A  sharaich  mi  's  na  doighean  ud, 

Oir  chan  'eil  car  theid  mi  'n  a  cheann, 

Nach  cuir  e  nail  a  chrogan  ann, 

Ag  iarraidh  gus  mo  thogail  suas, 

Air  binnein  uaill  is  moralachd, 

Is  ged  a  theichinn  thar  a'  chuain, 

Bidh  ghuth  gu  h-uaigneach  comhla  rium. 


4.  'S  iomadh  cota  leis  an  tig  e, 

'N  iomadh  riochd  's  air  uaireannan, 

Bidh  coslas  irisleachd  is  broin, 

Mar  fhallainn  mhoir  'g  a  chuartachadh, 

Co  is  diblidh  ris  an  lar, 

Na  fleasgach  an  uaibhreachais, 

A  chum  gu  'n  saoilear  gur  e  gras, 

A  rinn  cho  taireil  suarach  e. 

3.  Leanaidh  Fein  mi  fhein  is  each, 
Gu  dana  nuair  nach  smuainich  sinn, 
Tha  cuid  bheir  aire  dha  'n  a  thrath, 
'S  nach  nochd  do  chach  so  suaicheant  e, 
Cuid  eile  leigeas  e  cho  ard, 
'S  gu  'm  mothaich  each  gu  ghuaillean  da, 
Ach  bidh  e  cinnteach  as  ad  strachd, 
Far  bheil  gras  a'  buadhachadh. 


5.  Nuair  ghairmear  mi  gu  urnuigh, 
'S  diuid  a  theid  mi  dh'  aicheadh  sud. 
Is  Maighstir  Fein  a'  cantuinn  rium, 
Na  teirig  ann  'g  ad  narachadh. 
Mar  a  saoil  thu  gun  teid  leat, 
'S  gu  'n  taitinn  thu  ri  each  le  sud, 
Fuirich  as  mu  'n  caill  th^^  'm  beachd, 
A.  dh'  altruim  iad  mu  thrath  umad. 


AN  DUINE  MI-FHEIN 


6.  Is  ged  a  thachradh  e  aig  am, 

Gu  'n  rachainn  ann  nuair  dh.'  iarrt'  orm, 

Gu  'm  bi  e  frithealadh  mo  bheoil, 

A  dh'fheuch  an  cord  mo  bh.riath.ran  ris, 

Ach.  gu  'n  cordadh  iad  ri  each, 

'S  e  sud  gu  h-araidh  iarratas, 

Oir  bidh  e  'g  iarraidh  mar  a  dhuais, 

Gu  'm  biodh  an  sluagh  rium  riaraichte. 

7.  'S  mur  am  faigh  mi  briathran  beil, 
Bidh  Maighstir  Fein  an  gruaman  rium, 
Bidh  e  'g  am  chaineadh  's  their  e  rium, 
Gur  fear  gun  tur  gun  tuairmse  mi, 
Their  e  gu  'n  mhill  mi  a  chliu, 

Gu  'n  d'  rinn  mi  ciiis  gun  bhuannachd  dha, 
Oir  nuair  a  shaoil  e  bhith  gu  h-ard, 
Gur  ann  a  dh'  fhag  mi  suarach  e. 

8.  Ged  a  gheibhinn  ann  an  iirnuigh 
Urachadh  is  blathachadh, 

Gu  'n  tig  am  fear  ud  air  mo  chW, 
^       A  thagradh  cliii  na  phairtaicheadh 
'S  e  chleasachd  ud  a  dh'  fhag  mi  caol, 
'S  'n  am  aonar  mar  is  abhaist  dhomh, 
Maighstir  Fein  bhi  'g  iarraidh  Ion, 
Air  rud  nach  cord  a  nadur  ris. 

9.  Chan  urrainn  mi  chur  air  falbh, 
Oir  bidh  e  sealg  a  ghnath  orm, 
'S  ann  is  deine  e  air  mo  thoir, 
Mar  's  mo  a  bheir  mi  thamailt  dha, 
Bha  mi  'n  duil  gu'n  robh  e  'n  ciiil, 
Na  'n  ruisginn  a  chuid  amhailtean, 
Ach  fear  cho  feineil  ri  Mi-Fhein, 
Cha  ghabh  ratreut  ged  chaininn  e. 

10.  'S  iomadh  fear  do  'n  d'  rinn  e  call, 
Tha  leantuinn  teann  an  cairdeas  ris  ; 
A  tha.  'g  a  altrum  anns  gach  am, 

'S  a  sealltuinn  air  gu  fabharach, 
Ag  eisdeachd  ris  le  bhrionnal  baoth, 
A'  saoilsinn  air  nach  namhaid  e, 
Bidh  iad  sud  do  chach  gun  fheum, 
Ni  Maighstir  Fein  dhiubh  fasaichean. 

1 1 .  Ach  's  lionmhor  luchd  a  leisgeil  ann, 
Tha  tearm  air  ann  am  braithreaehas  ; 
Maighstir-Ardan  's  Maighstir-Prois, 
Is  Maighstir-mor-a-Talantan, 

Bean  ri  aon  dhiubh  's  bi  an  eomhlan 
Comhla  dol  an  sas  annad, 
'S  am  fear  bheir  fasgadh  dhaibh  le  deoin, 
Cha  chord  ris  bhi  'g  an  sarachadh. 

12.  Ged  bheirinn  beum  air  Maighstir  Fein, 
Cha  dean  e  feum  ach  gaire  ris, 

Ach  abradh  each  ris  nach  'eil  ann 
Ach  sloightire  gun  naire  dheth, 
Bidh  am  fleasgach  air  a  bLonn, 
'S  bidh  chompanach  an  t-Ardan  leis, 
'S  mur  tig  a'  charraid  as  a'  chilis, 
Cha  bhuin  an  cliu  do  'n  charaid  ud. 


3.  Ma  thogas  Talantach  a  cheann, 
'S  nach  bi  dad  ann  a  sheolas  e, 
Chan  fhaic  thu  saighdear  anns  a'  champ. 
As  gealltaich  air  bhi  mor  na  e, 
'S  mur  a  cluinn  e  gu  'm  bi  each 
'G  a  chur  an  aird  cha  chord  e  ris 
Se  'm  fear  a  chuireas  gaoth  'n  a  mhal, 
As  fearr  leis  a  bhi  comhla  ris. 

14.  Bidh  Maighstir  Proiseil  air  a  thoir, 
A'  cur  air  doigh  gu  h-uaigneach  dha, 
Gur  duine  taitneach  e  do  chach, 

'S  na  h-uile  ait  an  cual  iad  e, 
'S  bidh  Maighstir  Foirmeil  air  a  chul 
Ag  ionnsachadh  gu  guanach  dha 
Gach  doigh  is  fearr  le  'n  dean  e  eiiis 
A  chosnadh  cliti  le  bhuadhan  dha. 

15.  Ma  bheir  dad  do  'n  phobull  choir 
Gur  neonach  leam  mar  fiach  riut 
Ag  iarraidh  trumpaid  chur  an  aird 

'S  gu  'n  eluinneadh  each  do  dheanadas  : 
Chan  fhaic  e  paight'  e  fein  gu  brath 
Ma  's  pairteachadh  bhios  diomhair  e, 
Ach  cuir  as  aird  a'  chuis  mar  bha 
'S  bidh  fear  gun  naire  a'  biathadh  air. 

16.  Nuair  bhios  Maighstir  Fein  gu  h-ard, 
'S  a  gheibh  e  'n  t-ait  as  uachdraiche 
'S  e  'n  ath  ni  air  an  toir  e  lamh 

Gu  'n  cuirear  each  an  suarachas. 

Is  eagal  air  gun  caill  e  fein 

A  mheudachd  ud  a  bhuannaich  e ; 

'S  chan  fhaic  e  fear  am  measg  nan  ceud, 

Cho  deas  ris  fein  's  cho  uasal  ris. 

18.  'S  olc  a'  ghraisg  tha  riut  a'  streup 
Is  eucorach  an  eomhlan  iad ; 
Tha  feum  air  gras  bhi  air  an  stiuir, 
A  chumail  chuisean  doigheil  dhuit  : 
'S  ged  bhiodh  tomhas  dheth  sud  ann, 
Bidh  campan  ri  do  bheo  agad ; 
Gii  'n  teid  am  bathadh  's  a  mhuir  ruaidh 
'S  gach  gineil  truagh  dhe  'n  t-seors'  aca. 

18.  'S  iomadh  ear  tha  'm  Maighstir  Fein 
Nach  cuir  mi  'n  ceill  an  drasda  dhuibh 
Tha  cuid  a  dheanadh  dheth  mi-fheum 
Nach  fac  an  ereutair  graineil  ud 

A  tha  toirt  fasgaidh  dha  le  deoin 
'S  a  cumail  loin  is  araich  ris 
Chan  ionghnadh  ged  a  bhios  e  shuas. 
Air  cnoc  na  h-uaill  a'  sraideamachd. 

19.  Nuair  bha  mi  gu  co-dhunadh, 
Bha  mi  'n  diiil  o'n  chain  mi  e ; 
Gu  'm  fanadh  e  ann  an  cuil 

'S  nach  cluinninn  dtird  gu  brath  aige ; 

Ach  dh'  eirich  e  le  mear  as  iir 

Ag  iarraidh  cliu  is  ardachadh  ; 

Tha  Maighstir  Fein  an  deidh  gach  cuis 

A'  leantainn  rium,  's  cha  nar  leis  e. 


8   AN  DUINE  MI-FHEIN— TUR  AGUS  EAGLAIS  RODUIL  ANNS  NA  HEARADH 


20.  Nach  ann  tha  chail  aig  Maiglistir  Fein, 
'S  an  goile  geur  tha  iarratach, 
Ni  e  feisd  air  na  bheil  ann, 
'S  rud  nach  eil  ann  gum  biath  e  air : 
Is  o  nach  d'  fhuair  e  riamh  a  shath, 
De  Ion  na  dh'  fhag  e  riaraichte  ; 
'S  e  tabhair,  tabhair,  their  e  ghnath, 
'S  a  bheul  gun  tamh  a'  miananaich. 


21.  Ciim  an  t-acras  air  an  comhnuidh, 
Sud  an  doigh  gu  sharachadh, 
Biodh  an  aimhreit  air  a  bonn, 
'S  bi  gamhlasach  mar  namhaid  dha ; 
Ach  o  nach  dean  thu  sud  dhiot  f  hein, 
Cha  gheill  e  dhuit  's  chan  fhag  e  thu, 
Ach  bi  ag  iarraidh  nuas  o  neamh, 
Na  cheusas  e  gu  'm  basaich  e. 


Ttr  agus  eaglais  R6duil  anns  na  Hearadh 


Le  D.  I.  Mac  Cuish,  an  Uidhist 


CHAN  'eil  seann  eachdraidh  a'  toirt  cinnt 
air  bith  c6  thog  an  Tiir  agus  an  eaglai_s  so 
an  toiseach,  ach  tha  eachdraidh  ag  innseadh 
gu  robh  lamh  aig  Cloinn  Mhic  Leoid  na 
Hearadh  innte  uair  agus  uair.  Co  air  bith 
a  thog  an  Tiir  an  toiseach,  is  e  buidheann 
mhanach  a  bha  'g  a  shealbhachadh  agus  a' 
coimhead  as  a  dheidh  fad  iomadh  linn,  agus 
is  ann  air  larach  Cill  Chiiildich  a  thogadh  e, 
agus  bha  e  'n  a  Abaid  air  a  choisrigeadh  do 
'n  Naomh  Augustine. 

Ciod  air  bith  an  seol  aoraidh  a  bha  aig  na 
daoine  ud,  tha  aon  ni  cinnteach  gu  'n  robh 
iad  a'  gabhail  barrachd  saothair  ri  clach- 
aireachd  nan  aitean-aoraidh  na  tha  clach- 
airean  an  latha  'n  diugh. 

Aig  an  am  ud,  mar  bu  trice,  bhiodh  na 
h-aitean-aoraidh  air  an  togail  laimh  ri  fearann 
math,  agus  mar  so,  bhiodh  moran  de  mhaith- 
'  eas  an  f hearainn  mu  'n  cuairt  aig  na  manaich 
fein.  Bha  Rodul,  an  t-aite  anns  an  do 
thogadh  Tiir  Chliamain,  math,  agus  do 
bhrigh  sin,  bha  am  facal  Rodul  a'  ciallachadh 
(Rogha-dail), — 's  a'  Bheurla — "  choice  dale." 

Feumaidh  a  reir  cunntas  na  feadhnach  a 
bha  a'  sgriobhadh  mu  thimchioll,  gu  'n  do 
thogadh  an  Tiir  fada  roimh  an  Eaglais  a  bha 
ri  thaobh,  agus  a  reir  beachd  dhaoine  bhiodh 
luchd-teagaisg  an  latha  ud  a'  fiachainn  ris  an 
t-sluagh  a  thoileachadh  mar  a  b'  fhearr  a 
ghabhadh  deanamh,  a  reir  nos  agus  beachdan 
an  latha. 

Mar  dhearbhadh  air  a  sin,  chithear  dealbh 
ceann  eich  os  cionn  dorus  a  tuath  na  h-Eaglais, 
a  reir  coltais,  gu  leigeadh  ris  do  na  linntean 
a  thigeadh  gu  'n  robh  an  t-each  air  a  mheas 
naomh  leis  na  seann  Ghaidheil,  agus  air  a 
choisrigeadh  do  'n  '  Naomh  Michael,'  agus 
air  a  shon  sin  tha  e  air  a  radh  mar  so. 


"  Michael  mhin  nan  steuda  geala 
A  choisinn  cis  air  Dragon  fala." 

Fad  iomadh  linn  bha  e  'n  a  chleachdadh 
aig  muinntir  na  Hearadh  a  bhi  toirt  am 
mionnan  air  Cliamain  Mor  Roduil,  neach  a 
bha  air  a  choisrigeadh  le  Easbuig  na  Roimhe. 

Tha  e  coltach  gu  'n  do  loisgeadh  "  Ciimhn- 
ant  sgriobhte  "  na  h- Abaid  so,  an  uair  a 
thainig  na  Lochlanaich,  air  neo  aig  am  an 
Ath-leasachaidh,  ach  tha  Domhnull  Munro, 
Ard  fhear-ionaid  Easbuig  nan  Eileanan  a' 
sgriobhadh  an  1594,  gu  robh  air  taobh  deas 
na  Hearadh  aon  Tigh  Mhanach  le  steipeal  a 
bha'  air  a  shuidheachadh  's  air  a  thogail  le 
"  Mac  Leoid  na  Hearadh  "  ann  an  Rodul. 

Tha  an  sgriobhadair  Buchanan  a'  toirt 
cunntas  gur  e  Mghr.  Alasdair  Mac  Leoid 
na  Hearadh  a  thog  an  Abaid  so,  agus  mar 
chomharra  air  a  sin  tha  sgriobhadh  Laideann 
'g  a  innseadh  air  taobh  a  stigh  na  h-Eaglais. 

Aig  am  an  Ath-leasachaidh  bha  moran  de 
na  tighean  so  air  an  leagadh  gu  lar ;  bha  an 
eaglais  so  fein  air  a  f  agail  gun  cheann  fad  da 
cheud  bliadhna,  agus  tighean  nam  manach  a 
bha  ri  taobh  air  am  milleadh  gu  buileach, 
ach  'n  a  dheidh  sin  chaidh  an  eaglais  a  chur 
air  doigh,  ach  chaidh  i  air  theine  le  tuiteamas, 
agus  'n  a  dheidh  sin,  chaidh  a  togail  an  dara 
turns  le  Mghr.  Alasdair  Mac  Leoid  na  Hearadh 
ann  an  1787. 

Chaidh  an  Eaglais  so  a  chur  air  doigh  le 
fear  Alasdair  Crotach,  anns  a'  bhliadhna 
1546,  agus  fathast  tha  i  'n  a  ciiimhneachan 
air  na  laithean  a  d'  fhalbh.  Bha  an  Eaglais 
so  ri  linntean  nam  manach  fo  riaghladh  na 
Priomh  Abaid  I  Chalum-Cille,  agus  na  h-uile 
aon  d'a  seorsa  anns  na  h-Eileanan  an  lar. 


Aireamh  7 


1943 


Abstol  M6r  na  h-Alba 

[Bha  an  searmon  so  air  a  liubhairt  leis  an  Ollamh  Golla  DdmhnuUach  air 
la  Chaluim-cille,  an  1940,  gu  bhi  air  a  chraobh-sgaoileadh  air  an  Radio) 

"  A  chionn  gu'n  robh  e  ann  ad  chridhe  Ugh  a  ihogail  do  rrC  ainm-sa,  is  maith  a  rinn 
thu  gu  'n  robh  e  ann  do  chridhe." 1.  Righ  viii.  18. 


IS  ann  ris  a'  bhuachailleachd  a  chaidh 
Daibhidh  'na  oige.  Bu  ghasda  leis  a  bhi  ag 
iomain  chaorach  agus  an  cuid  uan  o  ional- 
tradh  gu  ionaltradh  mu  bhruthaichean 
Bhetlehem.  Bha  cothrom  aige  am  feadan 
a  chluich  agus  a'  chruit  a  dhiisgadh  gu  ceol 
binn.  Bha  soilleireachd  an  t-sleibh  a' 
cordadh  ris  air  feadh  an  latha  agus  re  na 
h-oidhche  bha  maise  nan  speur  agus  gloir 
nan  reul  a'  togail  iniitinn  agus  a'  dtisgadh 
aigne  gu  bhi  a'  moladh  an  Ti  a  sgaoil  na 
neamhan  arda  os  cionn  a'  chruinne-ce. 

Bu  ghasda  leis  orain  agus  dain  spioradail 
a  chur  ann  an  eagaibh  a  cheile. 

Ach  mu'n  gann  a  bha  an  oige  seachad 
ghairmeadh  e  gu  righ-chathair  a  mhuinntii' 
agus  a  dhuthcha.  Chuir  e  a'  chruit  air  an 
f haradh  agus  chrioslaich  e  .  claidheamh  air 
a  leis.  Chaith  e  an  corr  d'a  laithean  mar 
cheannard-airm  a'  cathachadh  gu  gaisgeil 
an  aghaidh  naimhdean  a  dhuthcha.  Ged  a 
bha  e  'na  shaighdear  treun  agus  buadhmhor, 
cha  robh  'iiidh  ann  an  cogadh  no  aimhreit. 
Co-dhiubh  a  bha  e  a'  reiteachadh  ciiisean  na 
rioghachd,  no  a'  cur  an  ordugh  feachd  ann 
an  aghaidh  namhaid,  b'  e  a  mhiann  agus  a 
dhiirachd  teampull  maiseach  a  thogail  air 
son  aoradh  Dhe.  Cha  do  cheadaich  Dia  dha 
so  a  dheanamh.  Rinn  e  deasachadh  air  son 
an  teampuill,  ach  ghlac  am  bas  e  mii'n  robh 
clach  air  laraich  no  tuagh  air  cabar-droma, 

Tha  ar  beatha  mar  so 

Is  ionnan  ar  crannchur  uile.  Ged  is  farsuinn 
ar  miann,  ar  diiil,  agus  ard  ar  dochas,  is  beag 
a  chiomhhonas  sinn.  Ach  ma  bhitheas 
nithean  uasal  agus  urramach  'n  ar  n-aire 
tha  Dia  ag  radh  gu'n  d'  rinn  sinn  gu  math 
gu'n  robh  iad  'n  ar  cridhe.  Ma  tha  ruintean 
agus  iarrtas  ar  cridhe  chum  gloir  Dhe  agus 
math  dhaoine  cha  tuit  iad  gu  lar  agus  cha 
tig  iad  gu  neoni.  Ann  an  deagh  am  Dhe 
agus  'na  dhoigh  fhein  thig  iad  gu  crich 
bheannaichte.  An  teampull  a  dhealbh 
Daibhidh  'na  inntinn  thog  a  mhac  le  clachan 
kiachmhor  agus  fiodh  taghte  agus  annasach. 


Ma  tha  ruintean  Bhreatunn,  mar  a  tha, 
suidhichte  air  ceartas  agus  saorsa,  nithean  a 
tha  a  reir  toil  Dhe,  na  biodh  eagal  oirnn 
roimh  namhaid  an-iochdmhor.  Tha  dubhadh 
air  a'  ghrein  aig  an  am,  agus  tha  frasan 
gabhaidh  a'  briseadh  oirnn.  Ach  dealraidh 
a'  ghrian  anns  na  speuran  fhathast  agus 
teichidh  na  sgaUean.  Is  iomadh  long  le 
cruinn  riiisgte  a  rainig  acairsaid. 

Calum-Cille 

Is  e  an  diugh  an  naoieamh  la  de'n  6g- 
mhios,  agus  is  ann  air  an  la  so  anris  a'  mhios 
cheudna  o  chionn  tri-cheud  deug  tri  agus  da 
fhichead  bliadhna  a  chriochnaich  Calum-cUle 
a  chuairt.  A  chionn  is  nach  d'  thainig  a 
leithid  eile  ann  an  eachdraidh  nan  Gaidheal, 
fear  eile  a  chuir  a  linn  fhein  agus  na  linhtean 
a  thainig  'na  dheidh  fo  fhiachaibh  cho  mor, 
nach  Ian  airidh  _  dhuinn  a  chumail  air 
chuimhne ! 

Ged  nach  robh  e  'na  righ  mar  a  bha 
Daibhidh,  bu  rioghail  a  dhream.  Bha  e  'na 
bhard  agus  'na  fhear-ciuil,  ach  is  e  saoibhreas 
a  shaothrach  agus  naomhachd  a  bheatha  a 
choisinn  cliu  dha  a  bhitheas  suthainn  buan. 

Chan  'eil  fhios  againn  gu  cinnteach  ciod 
na  meadhona  a  chleachd  e  a  thionndadh 
muinntir  Albainn  o  dhorchadas  nan  cinne- 
ach  gu  Creideamh  na  slainte.  Na'n  d'  innis 
Adhamhan  dhuinn  an  doigh  anns  an  deach- 
aidh  Calum-Cille  agus  a  chompanaich  mu'n 
obair  mhor  agus  bheannaichte  a  rinn  iad, 
cha  bhiodh  ionndrainn  air  na  sgeulachdan 
a  thug  e  dhuinn  mar  eachdraidh. 

Tha  e  soilleir  gu'm  b'  e  a  ghradh  do  Dhia 
agus  d'  a  luchd-diithcha  a  thug  Calum  Cille 
a  dh'  Albainn.  Bha  buidheann  bheag  de 
Ghaidheil  Eirinn  ann  an  Earra-Ghaidheal 
agus  bha  iad  air  an  saruchadh  leis  na 
Cruithnich.  Na'n  gabhadh  na  Cruithnich 
bhorba  ris  an  t-soisgeul,  thigeadh  cairdeas 
agus  baigh  an  aite  naimhdeas  agus  cogadh. 

Is  iad  sin  toradh  an  iorapachaidh  anns 
tiach  Unn, 


2    ABSTOL  MOR  NA  H-ALBA— COMHAIRLE  GHAIDHEALACH  NA  H-EAGLAISE 


Roimh-theachdairean  Chaluim-cille 

Bha  saothair  Chaluim-Cille  agus  a  cHomp- 
anaich  air  a  bheannachadh  gu  mor.  :  Cha 
deanainn  dimeas  air^  roimh-theachdaire 
Chaluim-Cille,  Ninian,  ach  'n  am  bheachd-sa, 
cha  robh  beul-aithris  ar  n-athraichean  air 
seachran  an  uair  a  •  thagh  iad  Calum-cille 
mar  phriomh-abstol  na  h-Alba.  Chan  e  na 
rinn  e  'na  am  fein,  ach  an  spiorad  agus  an 
eisimpleir  a  dh'  fhag  e  'na  dheidh  a  tha  sinn 
a'  moladh.  An  uair  a  leughas  sinn  mu 
aireamh  nan  abaidean  agus  tighean-mhanach 
a  steidhich  e  ann  an  Albainn  agus  ann  an 
Eirinn,  an  liuthad  soisgeulaiche  dileas  a  bha 
air  oileanachadh  leis  agus  teachdaire  dealas- 
ach  a  theagaisgeadh  anns  na  h-abaidean  sin 
agus  a  shiubhail  an  Roinn-Eorpa,  a'  craobh- 
sgaoileadh  creideamh  na  slainte,  nach  mor 
a  rinn  e  agus  nach  airidh  e  air  la-cuimhne! 

Ann  an  fcomhradh  ri  muinntir  a'  Ghoirtean 
ann  an  taobh  tuath  Eirinn,  "  Shaoilinn " 
arsa  Coinneach  MacLeoid,  "  nach  robh  Oalum 
Cille  marbh  leth-cheud  bliadhna,"  agus  chan 
'eil  croitearan  agus  iasgairean  nan  eileanan 
air  dheireadh  air  na  h-Eireannaich,  Ma  tha 
tobar  fior-uisge  as  fhearr  na  cheile  anns  na 
h-eileanan  no  amis  na  glinn  air  Tir-mor  tha 
iad  air  an  ainmeachadh  air  Calum  Cille.  Co 
a  chuireas  aireamh  air  na  h-eaglaisean  a  tha 
air  an  ainmeachadh  air  ?  Nach  mor  an 
aireamh  de  na  tulaichean  uaine  anns  am 
bheil  ar  n-athraichean  a'  t^mh  a  tha  a' 
giiilan  ainm  abstol  urramach  nan  Gaidheal  ? 
Is  aithne  dhomh  Cill-Chaluim-Cille  ann  am 
Muile  agus  ann  an  He,  ann  an  Tiriodh  agus 
's  an  Eilean  Sgitheanach,  ann  an  Uidhist 


agus    ann    am    Beinn-na-Faoghla,    ann    an 
Cinn-tu'e  agus  anns  a'  Mhorairne. 


Eireachdail  'n  a  phearsa 

Fallain  'na  chom,  breagha  'na  phearsa,  le 
guth  binn  agus  inntinn  laidir,  bha  cumhachd 
Dhe  'ga  chuartachadh.  Chuir  e  ruaig  air 
dorchadas  nan  cinneach,  agus  las  e  lochran 
an  t-soisgeil  anns  an  tu-.  An  drasd  agus  a 
rithist  bha  an  lasag  fann,  ach  bha  i  air  a 
beothachadh.  Tha  solus  a'  chreidimh 
Chriosduidh  gle  iosal  aig  an  am.  Tha  feum 
air  Calum-Cille  an  diugh  ;  teachdaire  dileas 
a  sguabas  a'  ghrainealachd  an-iochdmhor  a 
tha  a'  bagairt  ail  t-saoghail  a  sgrios  as  an 
Roinn-Eorpa.  Am  beist  uamhasach  sin  a 
tha  a'  miUeadh  agus  a'  marbhadh  oigridh 
nan  rioghachdan  ;  smuaintichibh  cuideachd 
air  na  seachd  deamhain  a  tha  'ga  stiiiradh, 
agus  cuimhnichibh  an  sin  air  Calum  naomh 
agus  a  shaothair  air  son  leas  aimsireil  agus 
leas  spioradail  dhaoine. 

Bha  teampull  mor  ann  an  Jerusalem  ann 
an  amharc  Dhaibhidh,  Bha  teampull  a  b' 
fhearr  ann  an  amharc  Chaluim-Cille.  Leag 
esan  na  bunaitean.  Togamaid-ne  na  ballachan 
le  cairdeas,  ceartas,  caomhalas  ;  le  firinn, 
trocair  agus  sith,  agus  mur  am  fa,ic  sinn  an 
togail  so  'na  Ian  uidheam,  cluinnidh  sinn 
Dia  ag  radh  :  "A  chionn  's  gu'n  robh  e  ann 
ad  chridhe  tigh.  a  thogail  do  m'  ainm-sa  is 
math  a  rinn  thu  gu'n  robh  e  ann  ad  chridhe." 

Gu'm  beannaicheadh  Dia  ar  n-aoradh, 
agus  d'a  ainm  gu'n  robh  cliii  a  nis  agus  gu 
siorruidh.     Amen. 


Comhairle  Ghkidhealach  na  h-Eaglaise 


IS  ann  ris  a'  Chomhairle  so — no  ris  a' 
Chomunn  so — a  tha  aobhar  an  Tighearna 
agus  ciiisean  na  h-Eaglaise  ann  an  aitean 
iomallach  is  fada  bho  ghoireasan  air  a' 
Ghaidhealtachd  an  earbsa.  Mar  a  tha  fhios 
aig  na  Gaidheil,  agus  aig  moran  eile  an 
diugh,  tha  iomadh  cearnaidh  air  a'  Ghaidhe- 
altachd agus  anns  na  h-Eileanan  a  tha  fada 
bho  eaglais  agus  bho  Mhinistear — tha  cho 
fada  's  gu  bheil  e  eucomasach  do'n  t-sluagh 
a  tha  fuireach  sna  h- aitean  sin  air  an  eaglais 
a  fhrithealadh  ach  ainneamh  ainneamh.  Tha 
iomadach  cearn  de'n  Ghaidhealtachd  far  a 
bheil  beagan  sluaigh  a  tha  aon  leth-dusan 
mile,  agus  aitean  eile  dusan  agus  eadhon 
fichead  mile,  air  falbh  bho  eaglais  na  sgire  ; 
agus  mar  sin,  mura  robh  seirbhis  fhollaiseach 
aig  an  t-sluagh  sin  ach  an  corr  uair  a  ruigeadh 
am  Ministear  iad  bhiodh  iad  ann  an  suidhe- 
achadh  truagh  a  thaobh  aoraidh  follaiseach. 


Ach  chan  'eil  idir  an  Eaglais  a'  fagail 
dhaoine  mar  so  a  tha  fada  bho  ghoireasan 
an  t-Soisgeil  gun  chothrom  a  thoirt  dhaibh 
air  a  bhith  frithealadh  meadhonan  nan 
gras.  Tha  Comhairle  Ghaidhealach  na 
h-Eaglaise  ag  cumail  Mhisionaraidhean  sna 
h-aitean  so  chum  is  gum  bi  an  Soisgeul  aca, 
agus  cothron  aoraidh  foUaiseach  cho  trie  's 
ged  bhiodh  iad  ri  taobh  na  h-eaglaise.  Tha 
coig  agus  da  fhichead  Misionaraidh  againn 
mar  so,  sgapte  feadh  na  Gaidhealtachd.  Is 
e  ni  mor  agus  beannaichte  a  tha  an  sin. 

Agus  a  chum  's  gun  ruig  am  Ministear  an 
sluagh  so  cho  trie  's  a  ghabhas  deanamh, 
agus  gun  gabh  am  Misionaraidh  aite-san  san 
eaglais,  tha  a'  Chomhairle  iad  fhein  a' 
seasamh  air  son  cosdais  tri  fichead  Ministear 
is  Misionaraidh  a  ghiulan  bho'n  dara  h-aite 
gus  an  aite  eile.  Tha  mar  sin  am  Ministear 
a'  ruiffsinn  au"  each  cearn  de  a  sgu'e  is  de  a 


COMHAIRLE  GHAIDHEALACH  NA  H-EAGLAISE 


chiomhthional  ann  an  doigh  a  bhiodh  euco- 
masach  dha  sin  a  dheanamh  mura  b'e  gu 
bheil  a'  Chomhairle  Ghaidhealach  a'  paighe- 
adh  na  cosdais.  Tha  so  a'  fagail  coimhthional 
a  tha  sgapte  aonaichte  an  cridhe  is  an 
teagasg  agus  fallain  mar  chiomhthional  an 
iomadh  doigh. 

Roimh  an  chogadh  bha  eadar  tri  fichead 
agus  tri  fichead  's  a'  deich  de  ghillean  oga 
Gaidhealach  a'  faotainn  Bursaraidh  bho'n 
Chomhairle  chum  an  cur  troimh  an  f hoghluim 
air  son  na  ministrealachd.  Bha  na  gillean  so, 
agus  cuid  aca  sna  h-ard  sgoilean,  agus  cuid 
eile  san  oilthigh,  agus  feadhainn  eile  an 
talla  na  diadhaireachd.  Bha  iad  uile  ag  cur 
feum  air  cuideachadh  chum  a  dhol  air  adhart 
air  son  ministrealachd  an  Fhocail  air  a' 
Ghaidhealtachd.  Tha  fhios  gu  bheil  beann- 
achd  an  cois  na  h-obrach  so.  Tha  feadhainn 
de  na  gillean  so  an  drasda  a'  seasamh  eadar 
sinn  agus  namhaid  aindiadhaidh  is  briiideil. 
Ach  bidh  sinn  ag  guidhe  gun  till  iad,  agus 
gum  bi  iad  'nam  meadhon  beannachaidh  do 
na  Gaidheil  fhathast. 

Tha  rithist  aig  a'  Chomhairle  ris  na 
Tighean  Coinneimh  a  chumail  suas— tha 
aon  tri  fichead  dhiubh  ann — agus  ri  Tighean 
nam  Misionaraidhean  mar  an  ceudna.  Agus 
cha  bheag  a'  chosdais  sin.  Direach  nuair  a 
bhris  an  cogadh  a  mach  bhatar  an  sas  ann 
a  bhith  cur  Thighean  nam  Misionaraidhean 
ann  an  rudeigin  de  dh'  ordugh,  agus  moran 
dhiubh  cha  mhor  air  a  dhol  aog.  Chuir  an 
cogadh  casg  air  an  sin,  ach  thatar  an  dochas 
gun  teid  an  obair  so  air  adhart  a  ris  nuair 
a  thig  crioch  air  a'  chreich  a  th'  ann. 

Thatar  cuideachd  bho  thoisich  an  cogadh 
ag  cumail  Mhinistearan  Gaidhealach  sna 
puirt-mhara  an  Sasainn  far  a  bheU  balaich 
an  Neibhi  agus  seoladairean  Gaidhealach 
eile  nuair  a  tha  iad  air  tir.  Tha  sinn  fhein 
agus  muinntir  na  h-Eaglaise  Saoire  a'  dean- 
amh  so  turas  ma  seach.  Chan  'eil  ni  eile 
thatar  a'  deanamh  mar  Chomhairle,  no  mar 
Eaglais,  as  motha  tha  toirt  a  chomhf  hurtachd 
is  a  mhisneach  do  na  balaich  Ghaidhealach 
againn  fhein  na  cuairt  nam  Ministearan  so. 

Tha  leabhraichean  beaga  crabhaidh  mar 

an  ceudna  air  an  clodh-bhualadh  an  Gaidhlig, 
agus  air  an  cur  dh'  ionnsaigh  Han  balach  's 
nan  nigheanan  a  tha  air  falbh  am  Feachd 
an  Righ — cia  b'e  aite  sam  bheil  iad  aig  tigh 
no  thairis. 

Tha  a'  Chomhairle  a'  deanamh  na  h-obrach 
ionmholta  so  dh'  aindeoin  's  gu  bheil  siim  air 
ar   cuingealachadh   gu   mor   le   cion   airgid. 


Chum  gach  meur  de'n  obair  mhor  so  a 
chumail  air  adhart  ghabh  sinn  suas  ri  sia 
mile  (£6,000)  punnd  Sasannach  an  iasad  an 
uiridh.  Tha  an  t-iasad  gu  maith  an  am 
earracais,  agus  a  chum  fuasglaidh  a  thoirt 
an  am  feuma,  ach  is  ann  a  tha  bhochdainn 
ann  dhuinne  mar  Chomhairle  nach  urrainn 
dhuinn  an  t-iasad  a  phaigheadh  air  ais.  Agus 
a  thuilleadh  air  an  sin  tha  sinn  an  drasda 
da  mhile  (£2,000)  punnd  Sasannach  am 
fiachan.  Rinn  sinn  so  a  raghainn  air  gun 
leigte  derreas  air  an  Aobhar  air  a'  Ghaidhe- 
altachd, agus  air  ar  comhnadh  do  na  gillean 
agus  do  na  nigheanan  a  tha  air  falbh  ri 
aghaidh  cruadaU.  Ach  chan  'eil  so  ceart — 
gum  biodh  sinn  mar  Chomhairle  ann  am 
fiachan — chan  'eU  e  ceart,  no  airidh  oirnn 
mar  Ghaidheil  is  mar  Eaglais.  Cha  do 
chleachd  muinntir  an  taobh-deis  a  bhith  air 
dheireadh  ann  a  bhith  cuideachadh  an 
Aobhair  air  a'  Ghaidhealtachd,  Chan  'eil 
iad  sin  fhathast^  agus  tha  sinn  ag  iarraidh 
orra  iad  a  thighinn  chum  ar  comhnaidh  a 
rithist.  Ach  tha  ar  guidhe  an  drasda  gu 
sonraichte  ris  na  Gaidheil  fhein. 

Chaidh  litir  a  mach  an  ainm  na  Comhairle 
dh'  ionnsaigh  gach  Ministear  is  Misionary 
san  Eaglais  ag  innse  dhaibh  mar  a  tha  a' 
chuis,  agus  ag  iarraidh  orra  an  litir  a  leughadh 
sa'  choimhthional  gu  foUaiseach.  Ghabh  aon 
de  chleirean  na  Gaidhealtachd  os  la:mh  na 
cleirean  eUe  a  bhrosnachadh  agus  a  stiuradh 
sa'  chuis  so  cuideachd.  Thatar  'nan  comain  . 
air  son  sin  ;  agus  tha  fhios  gum  bi  toradh 
'na  luib. 

Tha  sinn  cinnteach  gun  dean  na  Gaidheil 
an  dleasdauas  a  thaobh  ar  saothair,  air 
sgath  ar  Slanuigheir,  air  a'  Ghaidhealtachd 
cho  luath  's  a  bhios  fhios  aca  mar  a  tha 
ctiisean.  Is  e  sin  a  thug  oirnn  a  chur  fa  an 
comhair.  Nan  tugte  obair  is  saothair  na 
Comhairle  so  air  a'  Ghaidhealtachd — ar 
Comhairle  Ghaidhealach  fhein — gu  cathair 
grais  an  urnuighean  foUaiseach  an  t-sluaigh 
tha  sinn  Ian  chinnteach  nach  e  mhain  gum 
biodhamaid  comasach  air  ar  n-iasad  agus 
ar  fiachan  a  phaigheadh  ach  gum  biodh 
againn  a  bharrachd  na  neartaicheadh,  agus 
na  bheartaicheadh  as  iir,  Aobhar  an  Tigh- 
earna  air  a'  Ghaidhealtachd.  Air  sgath  ar 
Slanuigheir,  agus  air  sgath  na  h-obrach, 
tha  sinn  ag  guidhe  gun' dean  gach  aon  a  reir 
a  chomais.  Tha  mise  ag  creidsinn  gun  dean. 
Agus  an  ainm  an  Tighearna  ceud  mile  taing. 

Calum  MacLboid,  M.A., 

Ceann  Suidhe  na  Comhairle. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Ard  Sheanadh. 

CIOD  a  thrachradh  mur  coinnicheadh  an 
t-Ard  Sheanadh  fad  da  bhliadhna  ?  An 
tuiteadh  na  neamhan  ?  Cha  tuiteadh  idir, 
na's  mo  na  thuiteadh  na  speuran  ged  nach 
coinnicheadh  a'  Pharlamaid  fad  bliadhna. 
Dh'  fhasadh  am  fochann  agus  am  buntata, 
dh'  eireadh  agus  laigheadh  a'  ghrian,  agus 
thigeadh  lionadh  is  traigheadh  air  a'  chuan, 
mar  is  abhaist,  ged  bhiodh  dorsan  na  Parla- 
maid  agus  dorsan  an  t-Seanaidh  duinte, 

Ach  mur  coinnicheadh  an  Seanadh  agus  a' 
Pharlamaid  a  h-uile  bliadhna  thigeadh  riaghl- 
adh  na  h-eaglais  agus  riaghladh  na  diithcha 
gu  ceann-criche  ami  an  iiine  ghoirid,  oir  gun 
tighdarras  a  bhi  air  a  chul  cha  ghabhadh 
riaghladh  deanamh.  Mar  is  e  Tigh  nan 
Cumantan  Ard-tighdarras  na  rioghachd,  aig 
a  bheil  coir  agus  cumhachd  air  inntinn  na 
rioghachd  a  chur  an  ceill,  is  e  an  Seanadh 
ard-iighdarras  na  h-eaglais,  d'a  bheil  gach 
coimhthional  agus  comunn  agus  Cleir 
cunntachail. 

A  h-uile  bhadhna  tha  cunntas  air  a  thoirt 
do'n  Ard  Sheanadh  air  an  obair  a  tha  dol 
air  aghaidh  anns  an  eaglais,  agus  inntinn  na 
h-eaglais  air  a  cur  an  ceill  mu  iomadh  ctiis 
mhor  agus  bheag  a  thig  air  beulaibh  an 
t-Seanaidh. 

Tha  an  t-Ard  Sheanadh  air  fas  ro  mhor  : 
CO  dhiubh  a  bha  iad  a  lathair  air  fad  no  nach 
robh,  bha  1658  ball  ann  am  bliadhna  ; 
aireamh  gun  chiall.  Cha  robh  ann  an  Sean- 
adh Nicea  ach  318,  ach  bithidh  cuimhne  air 
Seanadh  Nicea  na's  fhaide  na  bhios  cuimhne 
air  a'  chruinneachadh  a  bha  ann  an  Dun- 
eideann  am  bliadhna,  oir  bha  an  t-Iompau-e 
mor  Constantine  ann  agus  na  diadhairean 
Arius  agus  Athanasius.  Bha  an  creud  a  rinn 
na  h-easbuigean  agus  na  h-aithrichean  ud  an 
Nicea  air  aithris  aig  an  t-seirbhis  chomanach- 
aidh  a  bha  againn  air  maduinn  Di-ciadaoin 
an  Eaglais  Ard  Dhun-eideann. 

Am  fainne  oir 

An  uair  a  tha  Moderator  na  bliadhna  a 
chaidh  seachad  a'  fagail  na  cathrach  agus 
a'  cur  an  fhir  uir  'n  a  aite  tha  e  a'  cur  fainne 
oir  air  a  mheur  mar  a  chuir  Pharaoh  fhainne 
fein  air  meur  loseiph  mar  chomharradh 
gu'n  robh  iighdarras  air  a  thoirt  dha  os 
cionn  na  h-Ephit  uile  (Genesis  xli.  42). 
Theagamh  nach  'eil  fhios  aig  cuid  d'  ar 
luchd-leughaidh  ciamar  a  thoisich  an  cleach- 
dadh  so  an  Eaglais  na  h-Alba.  Thoisich  e 
anns  a'  bhliadhna  1908,  an  uair  a  chuir  an 


t-Ollamh  Seumas  Mitford  Mitchell,  agus  e  a' 
fagail  na  cathrach,  fhainne  fein  air  meur  an 
OUaimh  Theodore  Marshall,  gu  bhi  aige  fad 
bliadhna,  gus  an  cuireadh  e  e  air  meur  an 
fhir  a  thigeadh  'n  a  dheidh,  agus  mar  sin 
sios  gu  brath.  Tha  sinn  a  nis  air  fas  cho 
cleachdte  ri  samhlachas  an  fhauine  's  gu'n 
saoileadh  an  Seanadh  nach  robh  am  Moder- 
ator air  a  chur  anns  a'  chathair  ach  gu 
tuathal  mur  faiceamaid  am  fainne  air  a  chur 
air  a  laimh. 

'N  a  l&tha  fhein  bha  guth  agus  comhairle 
an  Ollaimh  Seumas  Mitford  Mitchell  a'  dol 
gu  maith  fad  ann  an  Eaglais  na  h-Alba,  ged 
nach  robh  e  riamh  air  a  chunntas  am  measg 
na  feadhnach  a  bu  chudthromaiche.  Bha  e 
gu  maith  air  a  dhoigh,  fialaidh  le  chuid,  agus 
cho  dileas  do'n  eaglais  's  nach  bu  mhaith 
leis  gu'm  biodh  ministear  air  a  thaghadh  le 
gin  de  na  h-eaglaisean  mora  an  Dim-eideann, 
no  an  Glaschu,  no  an  Obar-dheathain,  gun  a 
chomhairle,  agus  gle  thric  bha  a  chomhairle 
air  a  h-iarraidh  agus  air  a  gabhaU  an  uair 
nach  iarrteadh  comhairle  dhaoine  a  b'ainm- 
eile.  B'  e  an  t-Ollamh  Seumas  Mitford 
Mitchell  agus  an  t-Ollamh  Theodore  Marshall 
an  dithis  mu  dheireadh  de  chinn-suidhe  an 
Ard  Sheanaidh  air  an  robh  feusag  a  b'  fhiach 
feusag  a  radh  rithe. 

Cha  robh  mise  aig  an  t-Seanadh  o  chionn 
bhliadhnachan,  is  thug  mi  an  aire  am 
bliadhna  gu  bheil  atharrachadh  beag  eile 
air  a  dheanamh  air  an  doigh  anns  a  bheil 
am  Moderator  air  a  chur  anns  a'  Chathair. 
A  thuilleadh  air  innseadh  dha  gu'n  do 
ghairm  an  Seanadh  do'n  Chathair  e,  agus 
breith  air  laimh  air,  agus  am  fainne  a  chur 
air  a  mheur,  choisrig  am  Moderator  am 
fear  ur  gu  dhreuchd  ann  an  urnuigh,  agus 
bheannaich  e  e  leis  na  briathran  so,  "  Gu'm 
beannaicheadh  an  Tighearn  thu,  agus  gu'n 
gleidheadh  e  thu  :  gu'n  tugadh  an  Tighearn 
air  'aghaidh  dealrachadh  ort,  agus  bitheadh 
e  grasmhor  riut :  gu  'n  togadh  an  Tighearn 
suas  a  ghnuis  ort,  agus  gu'n  tugadh  e  sith 
dhuit." 

Bha  mi  toilichte  an  t-atharrachadh  beag 
so  fhaicinn,  oir  chan  e  mhain  gu  robh  an 
t-seann  doigh  car  maol,  ach  tha  e  anabarrach 
freagarrach  gu'm  biodh  Ceann-suidhe  an 
t-Seanaidh  air  a  choisrigeadh  gu  soluimte 
gu  dreuchd  cho  cudthromach,  agus  air  a 
bheannachadh  an  ainm  an  Tighearna.  Bha 
an  t-atharrachadh  so  air  a  dheanamh  a' 
'bhliadhna  a  dh'  fhag  an  t-OUamh  Dtighall 
Mac    Pharlain    a'    chathau-,    agus    b'e    an 


AIG  AN  UINNEIG 


t-OUamh  Seumas  Black  a'  cheud  Mhoderator 
a  bha  air  a  choisrigeadh  agus  air  a  bheann- 
achadh  mar  so.  Dh'fhan  esan  'n  a  sheasamh 
fad  na  h-iiine  ach  thug  mi  an  aire  gu'n 
deachaidh  an  t-Ollamh  Iain  Baillidh  air  a 
ghltiinean. 

Eireachdas  an  t-Seanaidh 

Chan  'eil  Ctiirt  no  Comunn  air  an  t-saoghal 
a  theid  air  cheann  gnothuich  na's  eireachdaile 
na  'n  t-Ard  Sheanadh.  An  uair  a  tha  an 
Seanadh  'g  a  fhosgladh,  agus  an  Talla  mor 
Ian,  agus  fhios  aig  a  h-uile  duine  ciod  is 
coir  dha  a  dheanamh  an  uair  a  thig  am 
Moderator  no  Fear-ionaid  an  righ  a  steach, 
agus  a  dh'eireas  an  diimhlachd  sluaigh  ud 
'n  an  seasamh  mar  aon  duine,  a'  deanamh 
am  beic  do'n  Chathair  agus  do'n  Chrtm, 
agus  am  Moderator  agus  Fear-ionaid  an  Righ 
a'  deanamh  am  beic  dhaibhsan,  ann  an 
samhchair  a  chuireas  critheanaich  air  feoU 
dhaoine  meata,  agus  an  sin  a  sheinneas  iad 
Salm,  dh'  fheumadh  duine  a  bhi  gu  maith 
maol  no  aineolach  mur  fairicheadh  e  gu  robh 
a  sheasamh  aige  ann  an  comhcheangal  uasal, 
an  eaglais  Naomh  Choitcheann. 

Bho  thoisich  mi  air  dol  do'n  t-Seanadh 
b'e  an  rud  a  b'  fhearr  leam  riamh,  an  t-seinn 
aig  an  aoradh  mhaidne  a  h-uUe  la,  gun  organ 
no  guthan  bhoirionnach  ri  'n  cluinntinn. 
Chan  'eil  aite  eile  air  an  t-saoghal  anns  an 
cluinnear  na  sailm  air  an  seinn  cho  maiseach 
agus  cho  driiidhteach,  mar  thoirm  mhoran 
uisgeachan,  's  a  chluinnear  iad  air  an  semn 
aig  Seanadh  Eaglais  na  h-Alba  ris  na  fuinn 
"Arnold,"  agus  "Newington,"  agus  "Stroud- 
water,"  agus  "Duke  Street,"  a^us  "Win- 
chester." An  uair  a  bha  an  Seanadh  'g  a 
fhosgladh  b'e  a'  cheud  Shalm  a  bha  air  a 
seinn. 

Is  righ  Dia,  air  a  sgeadachadh 

le  moralachd  gach  am  ; 
Tha  air  a  sgeadachadh  le  neart 

is  crioslaichte  gu  teann, 

agus  an  uair  a  labhair  am  Moderator  mu'n 
Dealachadh  an  1843  sheinn  an  Seanadh  an 
t-salm  so  (cxxxiii.) 

0  Feuch,  cia  meud  am  maith  a  nis, 

cia  meud  an  tlachd  faraon 
Braithrean  a  bhi  'n  an  comhnuidh  ghnath 

an  sith  's  an  ceangal  caoin. 

Dh'fhaodadh  am  Moderator  iarraidh  oirnn 
stad  aig  an  rann  so,  a  chionn  nach  fhiach  an 
corr  de'n  t-salm  a'  seinn,  ach  sheinn  an 
Seanadh  mu  fheusag  Aaroin  mar  gu'm  biodh 
iad  a'  seinn  mu  ainm  an  t-Slanuigheir. 

Bha  a  h-uile  duine  a  chuala  mi  a'  bruidhinn 
mu'n  Dealachadh  'n  a  earalas  nach  loisafeadli 


e  a  chorragan  anns  na  h-eibhlean  ;  leis  a' 
cheud  anail  a'  moladh  misneach  agus  dilse- 
achd  na  feadhnach  a  chaidh  a  mach,  agus 
'leis  an  ath  anail  a'  moladh  misneach  agus 
dilseachd  na  feadhnach  a  dh'  fhan  a  steach. 
Bha  la  eile  ann  :  ach  chaidh  na  seann 
laithean  seachad,  agus  tha  e  ceart  dhuinn 
uile  a  bhi  modhail  agus  sitheil,  oir  is  fhearr 
oladh  a  bhi  tuiteam  o  d'  bhilean  na  searbhag. 

Obair  an  t-Seanaidh 

An  uair  a  thoisich  mi  air  dol  do'n  t-Seanadh 
'n  am  mhinistear  6g  b'e  obair  na  h-eaglais  aig 
an  tigh,  agus  thar  chuantan,  agus  ctiisean 
eile  a  bhuineadh  do'n  eaglais  a  mhain,  na 
priomh  chuspairean  a  thigeadh  air  beulaibh 
an  t-Seanaidh,  ach  ged  tha  a'  cheud  aite  aca 
sin  anns  an  t-Seanadh  fhathast,  tha  e  a  nis 
air  toiseachadh  ri  bhi  a'  gabhail  ioUa  ri 
iomadh  gnothuch  eile  nach  saoileadh  tu  gu'm 
buineadh  iad  do'n  eaglais  no  do  aobhar 
Chriosd.  Thoisich  am  fasan  iir  so  o  chionn 
bhliadhnachan,  air  a  chur  oirnn  an  tomhas 
mor  leis  a'  Chomunn  ris  an  abrar,  "  Eaglais 
agus  Rioghachd  "  (Church  and  Nation)  agus 
a  nis  bithidh  an  t-Ard  Sheanadh  a'  cur  an 
ceill  a  bheachd  agus  a  bhinn  air  cuspairean 
mar  so,  "  Ordugh  Bheveridge,"  "  Obair- 
uisge  anns  a'  Ghaidhealtachd,"  "Tighean 
ura  a  dh'fheumar  a  thogail,"  agus  fiehead 
rud  de'n  t-seorsa  sin.  Tha  iarmad  de  dhaoine 
samhach  anns  an  eaglais  leis  nach  toil  am 
fhiiisanachd  so,  an  gaol  a  tha  a  tha  aig  am 
braithrean  air  meur  na  h-eaglais  a  bhi  anns 
gach  gnothuch,  ach  tha  iad  a'  fantuinn 
samhach  a  chionn  gu  bheU  fhios  aca  nach 
tig  dad  as  co  dhiubh,  agus  nach  dean  na 
h-6raidean  a  bhios  iad  a'  cluinntinn  maith 
no  cron,  mur  cron  e  uine  a  chosd  gu  diomhain. 

Gaidhlig  am  Mucarna 

Tha  eaglais  na  sgire  an  Tigh-an-uiUt  a' 
dol  a  thaghadh  ministeir  an  aite  an  fhir'a 
dh'  fhalbh  uapa  do  Dheibhidh,  agus  dh'iarr 
ceathrar  fhoirbheach  air  an  Ard-Sheanadh 
an  t-atharrachadh  so  a  dheanamh  a  thaobh 
Mhucarna,  ndch  feum  ministear  na  sgire 
Gaidhlig  a  bhi  aige,  ged  a  6'  fheairrd  e  i  bhi 
aige. 

Tha  iad  an  dtiil  gu'm  biodh  roghainn  a  b' 
fharsuinge  aca.na'n  robh  a'  Ghaidhlig  air  a 
cur  as  an  rathad,  agus  tha  sin  fior,  ach  cha 
d'  eisd  an  Seanadh  ri  athchuinge  nam  foir- 
bheach,  agus  feumaidh  an  coimhthional  a 
nis  riaghailt  na  h-eaglais  a  leantuinn  agus 
ministear  a  thaghadh  aig  a  bheil  Gaidhlig. 
Rinn  na  foirbhich  a'  cheart  athchumge  ri 
Cleir  Lathurn,  mu'n  d'thug  iad  a'  chilis  air 
beulaibh  an  t-Seanaidh,  ach  bha  a'  Chleir 
de'n  cheart  bheachd  ris  an  t-Seanadh. 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


Bho  'n  chunntas  a  bha  anns  na  paipearan- 
naidheachd  cha  b'  urrainn  dhuit  a  dheanamh 
a  mach  co  dhiubh  a  bha  an  coimhthional  leis 
na  foirbhich  no  'n  an  aghaidh,  no  ciod  is 
aobhar  dha  nach  'eil  seirbhis  Ghaidhlig  am 
Mucarna  ach  annamh,  ach  gus  am  bi 
riaghailt  na  h-eaglais  air  a  h-atharrachadh, 
gu'm  feum  GaidhKg  a  bhi  aig  ministear  m' 
an  suidhichear  e  am  measg  sluaigh  a  tha  'g 
a  bruidhinn  mar  an  cainnt  mhathaireil,  cha 
b'  urrainn  an  Seanadh  binn  eile  a  thoirt  a 
mach  ach  a'  bhinn  a  thug  e  air  a'  chiiis. 
Tha  fhios  aig  an  t-saoghal  gur  e  Gaidhlig  a 
bhios  an  dara  leth  de  mhuinntir  Mhucarna 
a'  bruidhinn  'n  am  measg  fhein  air  feill  no 
margadh. 

Ach  air  a  shon  sin,  tha  da  thaobh  air  a' 
chilis  so,  agus  ma  tha  a'  cheist  ri  bhi  air  a 
togail  idir,  bu  choir  gu'm  biodh  i  air  a  togaU 
ann  an  doigh  as  fharsuinge  na  mar  thainig 
i  air  beulaibh  an  t-Seanaidh  a  thaobh 
Mhucarna. 

Co  dhiubh  is  toigh  leinn  e  no  nach  toil, 
bu  choir  do  mhinistearan  Gaidhealach  '  a 
chuimhneachadh  gu  bheU  am  beachd  so 
laidir  an  inntinn  an  t-sluaigh  air  feadh  na 
Gaidhealtachd,  gu'm  faigheadh  iad  ministear 
a  by  hear  r  mar  mhinistear,  mur  bitheadh 
riaghailt  na  h-eaglais  mu'n  Ghaidhlig.  B' 
f hearr  leo  fada  cian  seirbhis  mhaith  am 
Beurla  na  seirbhis  fhuar  mhaol  an  Gaidhlig 
ged  is  e  a'  Ghaidhlig  as  docha  leo. 

Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  fhasa  do 
mhinistear  an  diugh,  ma  thoilicheas  e,  na'n 
t-seirbhis  Ghaidhlig  a  chur  a  bith,  gun 
aobhar  a  thoirt  do  dhaoine  a  radh  gur  ann 
aige  fhein  a  tha  a'  choire.  Chan  'eil  aige 
ach  an  t-seirbhis  a  dheanamh  maol  agus 
fuar,  an  coimeas  ris  a'  Bheurla,  agus  a  cur 
aig  uair  neo-fhreagarrach,  agus  cuiridh  aon 
bhliadhna  ceann-criche  oirre.  Tuitidh  an  da 
fiiichead  gu  fichead,,  am  fichead  gu  deichnear, 
agus  an  deichnear  gu  triiiir,  agus  an  sin  la 
air  choireigin,  cha  bhi  duine  idir  aige  an 
t-seirbhis  Ghaidhlig,  is  bithidh  am  beadall 
toUichte  a  shaorsa  fhaotainn,  agus  ainmichidd 
am  ministear  anns  a'  chubaid  an  ath  Shabaid 
nach  bi  seirbhis  Ghaidhlig  ann  an  diugh  idir, 
a  chionn  nach  'eil  iarraidh  oirre,  a  reir  choslas. 
Theagamh  uair  's  a'  bhliadhna  gu'm  bi 
seirbhis  Ghaidhlig  air  a  cumail  mar  annas, 
agus  mar  urram  do'n  chanain  agus  mar 
fhianuis  do'n  Chomunn  Ghaidhealach,  ach 
ged  bhios  deagh  choimhthional  a  lathair 
sgaoilidh  e  mar  eheo  nam  beann. 

B'  ion  do  Eaglais  na  h-Alba  nau-e  a  bhi 
oirre  mur  teid  aice  air  comas  a  thoirt  do'n 
t-sluagh  anns  a'  Ghaidhealtachd  aoradh  a 
dheanamh  an  eaglais  na  sgire  'n  an  caimit 


fern.  Ach  an  uair  a  dh'  Mthneas  i  do  choimh- 
thionail  sonruichte  ministear  aig  a  bheil 
Gaidhlig  a  ghairm  bu  choir  dhi  siiil  a  chumail 
air  feuch  a  bheil  e  a'  coimhlionadh  a'  chumh- 
nant  air  an  do  shuidhicheadh  e  anns  an  sgir. 

An  t-Urramach  Donnchadh  Mac  Rath 

0  chionn  ghoirid  thainig  crioch  air  a' 
mhinistear  so  an  Dim-eideann,  duine  a  rinn 
uiread  de  ghniomharan  laghach  agus  coibh- 
neU  anns  a'  bheatha  so  's  gu'm  bi  sreath 
dhiubh  'g  a  choinneachadh  mar  chairdean 
air  an  taobh  thall,  gus  a  bheatha  a  dheanamh 
dha  do  na  h-aitibh-c6mhnuidh  siorruidh. 

Chuir  e  seachad  uile  laithean  a  mhinis- 
trealachd  ann  an  da  sgir  anns  an  robh  e 
anabarrach  sona,  Aird  Ghobhar  agus  Garn- 
tulaich,  am  Peairt,  cluaintean  gorma  ciiiin 
a  thug  dha  cothrom  air  an  t-seorsa  minis- 
trealachd  a  bha  a'  freagairt  air  a  choimh- 
lionadh  gun  chabhaig  no  gun  sgios,  a'  dol 
a  mach  's  a  Stigh  am  measg  dhaoine  a  bha 
mar  aon  teaghlach  a  thaobh  eaglais  agus 
aideachaidh,  agus  nach  robh  furasda  an 
luasgadh  le  guthan  ard  choigreach. 

Bha  baigh  aige  gu  nadurra  ris  an  t-seorsa 
dhaoine  a  bha  a  chrannchur  'n  am  measg  ; 
sealgairean  agus  iasgairean ;  tuathanaich 
agus  ciobairean  ;  geamairean  agus  gairneal- 
airean  agus  brocairean.  Uile  laithean  a 
bheatha  bha  dorsan  nan  Tighean  Mora  cho 
fosgailte  dha  ri  dorsan  nan  tighean  beaga, 
ach  cha  deanadh  a'  chuideachd  anns  am 
bitheadh  e  mughadh  air  bith  air  Donnchadh 
MacRath.  Bha  e  an  aon  ni  do  na  h-uile  ; 
gun  mh6r(?huis,  gun  fhiamh,  gun  amharus, 
socrach  'n  a  inntinn,  'n  a  chreideamh,  agus 
'n  a  dhoighean,  agus  uasal  is  blath-chridJieach 
gu  nadurra. 

Chan  'eil  moladh  as  airde  as  lurrainn  thu 
a  dheanamh  air  duine,  ciod  air  bith  na 
buadhan  mora  a  bha  aige  no  an  inbhe  ard 
a  rainig  e,  na  a  radh  uime  gur  e  fior-dhuin- 
uasal  a  bha  ann.  Sin  a  bha  ann  an  Donnchadh 
Mac  Rath,  o  mhullach  a  chinn  gu  bonn  a 
choise,  smior  an  duin-uasaU. 

Ged  nach  robh  e  comharraichte  mar 
sgoilear,  no  mar  shearmonaiche,  no  ann 
an  gnothuichean  na  Cleire,  bha  e  anabarrach 
dleasdanach  mar  mhinistear,  agus  a  dh' 
aindeoin  cho  gaolach  's  a  bha  e  air  iasgach, 
cha  robh  ministear  eile  anns  an  eaglais  a 
b'f hearr  a  bha  a'  toirt  an  aire  air  obair 
fhein,  no  a  bu  fhritheiltiche  air  dol  am 
measg  an  t-sluaigh,  tinn  agus  slan.  Cha 
mho  a  bha  ministear  eile  am  Peairt  a  bu 
luaithe  a  chuidicheadh  le  bhraithrean  anns 
a'  Chleir,  an  uan  a  bhiodh  cuideachadh  a 


AIG  AN  UINNEIG— ANNS  A'  CHATHAIR 


dliith  orra  anns  a'  chubaid  no  aig  tiodhlacadh. 
An  am  a'  chogaidh  mxi  dheireadh  thug  e 
iomadh  coimhearsnach  a  glais. 

Leig  e  dheth  uallach  a  dhreuchd  car  trath 
'n  a  bheatha  an  deidh  dha  dol  troimh 
operation  a  chuir  gaiseadh  'n  a  bhodhig,  ach 
fad  iomadh  bliadhna  an  Dun-eideann  bha 
deagh  shlainte  aige,  agus  cha  robh  e  idir 
'n  a  thamh,  oir  bhiodh  e  gun  sgur  a'  dol 
do'n  Tigh-eiridinn  a  dh'  amharc  dhaoine  a 
thainig  as  a'  Ghaidhealtachd  no  as  na 
h-Eileanan.    Sin  obair  a  bu  chaomh  leis. 

Bha  e  posda,  agus  bha  aon  mhac  aige, 
mac  a  tha  'n  a  oifigeach  anns  an  Fhreiceadan 
Dhubh,  agus  a  bha  air  a  leon  o  chionn  ghoirid 
an  Africa. 

Bha  a  bhean  cho  laghach  ris  fhein,  boirionn- 
ach  banail  a  dh'  ioc  maith  dha,  agus  chan  e 
olc,  re  uile  laithean  a  bheatha.  Bha  iad  a' 
freagairt  air  a  cheile,  mar  a  fhreagras  an 
lamh  air  a  mheataig,  agus  c6  riamh  a  shuidh 
aig  am  bord  an  Dim-eideann,  no  a  chuir 
seachad  oidhche  leo  ri  taobh  an  teine  'n  an 


aonar,  a'  seanchas  mu  na  nithean  beaga 
pearsanta  a  thachair  an  de  no  an  uiridh,  gun 
an  fhaireachduin  a  bhi  'n  a  chridhe  gur 
fearr  sith  agus  ciuine  agus  gradh  na  'n  t-6r  ? 
Bha  slth  agus  coibhneas-graidh  an  uile 
cheuman  na  car  aid  ud. 

Rugadh  Donnchadh  Mac  Rath  anns  an 
Acha-mhor  an  Loch  Aillse,  mac  tuathanaich. 
0  chionn  bhliadhnachan  chaidh  e  fhein  agus 
mise  sgriob  do  dhiithaich  a  dhaoine,  agus  cha 
robh  clach,  no  cnoc,  no  cladh  an  Cinn  t-saile, 
nach  robh  naidheachd  aige  umpa.  Bha  deagh 
eolas  aige  air  eachdraidh  na  Gaidhealtachd 
uile,  gu  sonruichte  air  euchdan  shaighdearan 
agus  air  tapaidean  nam  finneachan. 

Bithidh  iomadh  ministear  Gaidhealach  ag 
ionndrainn  Dhonnchaidh  Mhic  Rath,  a  thug 
dhuinn  aoidheachd  gun  tomhas,  agus  gle 
thric  naidheachd  eibhinn  leis  a'  bhiadh,  ach 
ciod  an  cuimhneachan  a  b'  fhearr  a  b'  urrainn 
e  fhagail  air  fhein  na  gu'n  robh  meas  agus 
gaol  aig  a  bhraithrean  air  a  chionn  gu  robh  e 
'n  a  dhuine  cho  gaolach  e  fhein. 


Anns  a'  Chathair 


BHA  tuathanach  araidh  ann  aig  an  robh 
aon  mhac.  Bha  an  tuathanach  'n  a  dhuine 
cruaidh,  saoghalta ;  gun  mheas  aige  air 
ealain,  no  grinneas,  no  sgoil.  Cha  robh  ni 
air  an  t-saoghal  a'  ruith  'n  a  inntinn  ach 
daimh,  is  gamhna,  is  buannachd,  agus  o'n 
cheud  latha  a  chaidh  a  mhac  do'n  sgoil  bha 
fadachd  air  gus  am  faodadh  e  a  fagail  agus 
toiseachadh  air  obair. 

Bha  am  balach  anabarrach  maith  air  tarr- 
uing  dhealbh.  Bha  e  na  b'  fhearr  air  na 
dealbhan  na  bha  e  air  cunntas  no  leughadh  ; 
cha  robh  solas  air  thalamh  a  b'  fhearr  leis 
na  bhi  tarruing  dhealbhan  air  a  sgliat,  ged 
a  choisinn  sin  dha  air  uairean  an  t-slat  o'n 
mhaighstir-sgoil. 

Uair  a  thainig  dealbhadair  ainmeil  gu 
tigh  an  tuathanaich  leig  a  mhathair  f  haicinn 
dha  cuid  de  na  dealbhan  a  tharruing  an  gUle 
beag,  agus  iad  air  an  cumail  aice  gu  ciiram- 
ach  ann  an  ciste  far  nach  f  haiceadh  'athair  iad. 
Chuir  gleusdachd  a'  bhalaich  agus  grinneas 
a  laimhe  ionghnadh  mor  air  an  duine,  is 
dh'  iarr  e  air  bean  an  tuathanaich  cothrom 
a  thoirt  do'n  ghille.  "  Mur  bheil  mi  meallta 
'n  am  bharail,"  ars  esan,  "  ni  am  balach 
ainm  dha  fein  anns  an  t-saoghal  fhathast." 

Cha  robh  maith  gu'ni  faiceadh  siiil  an 
tuathanaich  na  dealbhan  a  bha  a  mhac  a' 
tarruing  oir  bha  e  an  dull  nach  robh  annta 
ach  faoineas  agus  cosd  uine.  Ach  ghleidh  a' 
mhathair  am  facal  a  thuirt  an  dealbhadair 
rithe,  agus  bhiodh  i  a'  beachd-sniuaineacliadh 
air  a  h-uile  latha  'n  a  cridhe. 


Feasgar  sonruichte  a  rug  'athair  air  a' 
bhalach  agus  e  a'  tarruing  dealbh  a  mhathar 
air  paipear,  rug  e  air  a'  phaipear  agus  le 
feirg  shrac  e  'n  a  chriomaga  beaga  e,  agus 
mhaoidh  e  le  mionnan  gu'm  breabadh  e  e 
na'm  beireadh  e  air  a  ris  a'  tarruing  dhealbh. 
An  sin  chuir  e  mach  e  a  dh'  ionnsuidh  an 
achaidh,  a'  sgaoileadh  innearach,  gus  an 
robh  a  ghairdeana  cho  goirt  ri  chridhe. 

An  la  a  rainig  am  balach  ceithir  bliadhna 
deug  thuirt  athair  ris  nach  rachadh  e  do'n 
sgaoil  tuiUeadh,  agus  gu'm  feumadh  e  a 
dhruim  a  liibadh  ris  an  obair.  "  Fhuair 
thu  do  bheatha  a  chur  seachad  gu  diomhain- 
each  gu  so,"  ars  esan,  "  ach  a  nis  bidh  agad 
ri  oibreachadh  air  son  do  loin,  agus  sgur  de'n 
fhaoineas  ;  thoir  dhomhsa  na  dealbhan  agus 
na  pinn  agus  na  h-innealan  eile  les  am  bi 
thu  'g  an  deanamh." 

Thainig  rachd  ann  am  muineal  a'  bhalaich 
agus  deoir  'n  a  shixilean,  ach  dh'  eirich  e  gu 
h-umhail  agus  rinn  e  mar  a  dh'  iarr  'athair 
air.  Gun  uiread  agus  sealltuinn  air  na 
paipearan  a  chuir  am  -balach  'n  a  laimh — an 
ulaidh  a  bu  phriseile  a  bha  aige  air  an  t- 
saoghal — -stob  an  duine  mosach  anns  an  teine 
iad,  agus  ann  an  da  mhionaid  bha  obair  is 
solas  a'  bhalaich  'n  a  smiir. 

An  oidhche  sin  cha  d'  thainig  am  balach 
gu  shuipeir.  Shiubhail  a  mhathair  shios  is 
shiubhail  i  shuas,  ach  cha  robh  an  gille  ri 
fhaotainn.  Theab  i  dol  as  a  ciall,  ach  cha 
d'  thug  an  tuathanach  dhi  de  cliomhfhurt- 
achd  ach  so,  "  Na  bi  a'  cur  dragh  air  bith 


ANNS  A'  CHATHAIR 


ort  fhein  ;   ghabh  an  garlach  saoibhneas  gun 
reusan,  ach  cuiridh  an  t-acras  dhachaidh  e." 

Ach  cha  d'  thainig  e  dhachaidh  an  oidhche 
ud,  no  an  ath  oidhche,  no  iomadh  oidhche  'n 
a  dheidh.  Bha  cridhe  a  mhathar  briate,  ach 
bu  mhotha  fearg  'athar  no  a  bhron. 

Oidhche  fhuar  gheamhraidh,  coig  miosan 
an  deidh  do'n  ghille  teicheadh  air  falbh  bho 
thigh  'athar,  agus  an  tuathana.ch  agus  a 
bhean  'n  an  suidhe  aig  an  teine,  fosglaidh 
an  dorus  gu  faiHdh  agus  faicear  am  balach 
'n  a  sheasamh  air  an  stairsnich,  agus  eagal 
is  acras  is  fiamh  a'  bhais  'n  a  shiiilean. 

Leum  a  mhathair  is  chuir  i  a  lamhan  m'a 
amhaich  is  tharruing  i  a  dh'  ionnsuidh  a' 
bhlaiths  e,  ach  cha  do  rinn  'athair  uiread 
agus  stad  de'n  phiob  a  bha  'n  a  bheul. 
Shuidh  e  aig  taobh  an  teine  a'  sealltuinn  air 
a'  ghille  gu  magail  agus  gun  e  ag  radh  diog. 
"  0?  athair,"  ars  am  balach,  mu  dheireadh, 
"  nach  bruidhinn  sibh  rium?  Tha  mi  duil- 
ich  gu'n  do  theich  mi  air  falbh,  ach  ni  mi 
rud  sam  bith  'g  'ur  toileachadh  ma  bheir 
sibh  maitheanas  dhomh."  • 

"  Seadh,"  ars  an  tuathanach  gu  fuar 
frionasach,  "  dh'  fhalbh  thu  mar  a  thogair 
thu  agus  thill  thu  mar  a  thogair  thu,  agus  a 
nis  tha  thu  ag  iarraidh  ormsa  gabhail  riut 
mar  nach  biodh  dad  cearr.  Chan  'eil  annad- 
sa  ach  diu  nan  gillean  co  dhiu,  agus  tha  thu 
an  duil  nach  'eil  annam-sa  ach  an  t-amadan 
bog  coltach  riut  fhein.  O'n  a  thainig  tu 
dhachaidh  cha  chuir  mise  a  mach  a-s  an  tigh 
thu,  ach,"  (le  mionnan  uamhasach)  "  cuimh- 
nich  so,  nach  teid  greim  bidh  ann  ad  bheul 
ach  greim  a  dh'  oibricheas  tu  air  a  shon  gu 
goirt." 

****** 

"  Bha  aig  duine  araidh  dithis  mhac.  Agus 
thubhairt  am  fear  a  b'  oige  dhiubh  r'a  ath- 
air, Athair  thoir  dhomhsa  a'  chuibhrionn  a 
thig  orm  de  d'  mhaoin.  Agus  rinn  e  orra 
a  bheathachadh. 

Agus  an  deidh  beagan  laithean  chruinnich 
am  mac  a  b'  oige  a  chuid  uile,  agus  ghabh  e 
a  thurus  do  dhiithaich  fada  as,  agus  an  sin 
sgap  e  a  mhaoin,  a'  caitheadh  a  bheatha  gu 
struidheasach.' 

Agus  an  uair  a  chaith  e  a  chuid  uile,  dh' 
eirich  gort  ro  mhor  ahns  an  duthaich  sin  ; 
agus  thoisich  e  air  bhi  ann  anuireasbhuidh. 
Agus  chaidh  e  agus  cheangail  e  e  fein  ri  aon 
de  mhuinntir  na  duthcha  sin  ;  agus  chuir 
esan  d'a  fhearann  e  a  bhiadhadh  mhuc.  Agus 
bu  mhainn  leis  a  bhi  air  a  shasuchadh  leis  na 
plaoisg  a  bha  na  mucan  ag  itlieadh  ;  ach  cha 
d'  thug  duine  air  bith  dha. 

Ach  an  uair  a  thainig  o  d'a,  ionnsuidh 
fein  thubhairt  e,  Oia  lion  de  luchd-tuarasdail 


m'  athar  aig  am  bheil  aran  gu  leoir  agus 
r'a  sheachnadh,  agus  mise  a'  basachadh  an 
so  leis  an  acras?  Eiridh  mi  agus  theid  mi 
dh'  ionnsuidh  m'  athar,  agus  their  mi  ris, 
Athair  pheacaich  mi  an  aghaidh  neimh  agus 
ann  ad  lathair-sa;  chan  airidh  mi  tuiUeadh 
gu'n  goirteadh  do  mhac-sa  dhiom  :  dean  mi 
mar  aon  de  d'  luchd-tuarasdail. 

Agus  dh'  eirich  e  agus  thainig  e  dh'  ionn- 
suidh 'athar.  Ach  air  dha  bhi  fathast  fad 
as,  chunnaic  'athair  e,  agus  ghabh  e  truas 
dheth,  agus  ruith  e,  agus  thuit  e  air  a  mhuin- 
eal  agus  phog  e  e.  Agus  thubhairt  am  mac 
ris,  Athair,  pheacaich  mi  an  aghaidh  neimh, 
agus  ann  ad  lathair-sa ;  chan  airidh  mi 
tuiUeadh  gu'n  goirteadh  do  mhac-sa  dhiom. 
Ach  thubhairt  an  t-athair  r'a  sheirbhisich, 
Thugaibh  a  mach  gu  luath  an  trusgan  a's 
fhearr,  agus  cuiribh  uime  e  ;  agus  cuiribh 
fainne  air  a  laimh,  agus  brogan  air  a  chasan  ; 
agus  thugaibh  an  so  an  laogh  biadhta,  agus 
marbhaibh  e,  agus  itbeamaid  agus  bitheam- 
aid  subhach  ;  oir  bha  mo  mhac  «o  marbh, 
agus  tha  e  bed  a  ris  ;  bha  e  caillte  agus  f  huar- 
adh  e.    Agus  thoisich  iad  air  a  bhi  subhach." 

Theagamh  gur  e  an  t-ainm  as  buadhmhoire 
a  thugadh  riamh  do  Dhia  an  t-ainm  An 
t-  Athar  neamhaidh,  an  t-ainm  a  thugadh 
dha  le  iighdarras  Chriosd,  ach  do  mhoran 
dhaoine  air  thalamh  an  diugh  chan  'eil  e 
'n  a  sgeul  aoibhneach  a  chluinntinn  gu  bheil 
Dia  coltach  r'an  athraichean.  Tha  an  t-ainm 
'n  a  chnap-starra  dhaibh  an  aite  a  bhi  'n 
a  sholus  'g  an  treorachadh  gu  Dia.  A  h-uile 
bliadhna  tha  miltean  de  chlotnn  air  am  breith 
nach  fhaigh  gaol  no  blaths  no  caidreamh 
bho'n  aithrichean,  nach  fhaigh  bhuapa  ach 
mionnan  is  buillean  is  gortachadh- cridhe. 
Co  ris  a  shamhlaichear  Dia  a  chum  gu'm  bi 
an  samhladh  sin  'n  a  sgeul  mhaith  do'n 
chloinn  so  ?  An  abrar  riu  gu  bheil  Dia 
coltach  r'an  athair  ?  Nach  e  sin  an  cliti  a 
bu  mhiosa  a  b'  urrainn  e  fhaotainn  'n  an 
cluasan. 

0,  sibhse  aithrichean  agus  a  mhathraich- 
ean  a  leughas  an  duilleig  so,  cuimhnichibh 
gur  e  'ur  beatha  agus  'ur  giulan  am  measg 
'ur  teaghlaich  ;  'ur  gaol  agus  'ur  dilseachd, 
air  neo  'ur  goraiche  agus  'ur  n-olcas,  a  tha 
toirt  dhaibh  nan  smuaintean  a  tha  aca  mu 
Dhifi,  agus  nach  e  idir  na  chluinneas  iad  anns 
an  sgoil  Shabaid  no  anns  an  eaglais.  An 
uair  a  tha  duine  aig  am  bheU  clann  'n  a 
dhuine  aingidh  tha  'aingidheachd  a'  giiilan 
toraidh  ann  an  cuirp  agus  ann  an  inntinn- 
ean  agus  ann  an  anmannan  a  chloinne.  Ciod 
am  peacadh  as  uamhasaiche  na  gu'n  tugadh 
athair  air  a  mhac  grain  a  ghabhail  air  Dia\ 


Aireamh  8 


1943 


An  Soisgeul  Siorruidh 


Chan  'eil  naire  ormsa  de'n  t-soisgeul :   oir  is  e  cwmhachd  Dhe  e  chum  slainte  do  gacTi  neach 
a  chreideas  ;  do'n  ludhach  an  toiseach,  agus  mar  an  ceudna  do'n  Ghreugach. — Roman  i.  16. 


CHA  robh  soisgeulaiche  rianih  anns  an  eaglais 
coltach  ri  Pol ;  tha  e  a'  seasamh  os  cionn 
chaich  mar  tha  beinn  Nibheis  a'  seasamh  os 
cionn  nam  beann.  Bha  inntinn  agus  suilean 
aige  nach  robh  aig  duine  eile  anns  an  linn  ud. 
An  uair  a  bha  each  ann  an  iom-chomhairle, 
no  a'  connsachadh  mu  nithean  beaga  anns 
na  h-eaglaisean  beaga  aca  fein,  agus  an 
suilean  air  barraibh  am  brog,  bha  siiilean 
Phoil  ann  an  ceann  eile  an  t-saoghail ;  ann 
an  aislingean  na  h-oidhche  bhiodh  e  'g  a 
fhaicinn  fein  a'  cosnadh  iompaireachd  na 
Roimhe  do  Chriosd. 

Anns  na  laithean  ud  bha  iompaireachd  na 
Roimhe  co-ionnan  ris  an  t-saoghal  uile  ;  a' 
ruighinn  o'n  abhainn  Euphrates  gu  muir 
na  h-Atlantic,  agus  o  chriochaibh  deas  na 
h-Eiphit  g"u  uisge  Chluaidh.  A  mach  o 
bheagan  ludhach,  agus  o  chreideamh  nan 
draoidhean,  agus  seorsachan  neonach  eile  an 
sud  agus  an  so,  b'e  an  creideamh  a  bha  air 
aideachadh  ann  an  iompau'eachd  na  Roimhe 
an  creideamh  laidir  farsuing  sin  ris  an 
abrar,  Pdganachd  choitchionn.  Bha  an 
creideamh  sin  air  a  steidheachadh  ann  an 
ionadan  arda,  air  aideachadh  le  uachd- 
ranachda  agus  tighearnais  ;  air  a  sheinn 
agus  air  a  mholadh  le  miltean  de  shagartan 
ann  am  miltean  de  theampuUl  oirdhearc, 
agus  air  a  chumail  suas  le  maithean  agus 
cumhachd  an  t-saoghail. 

Sin  an  rud  air  an  robh  Pol  a'  smuaineach- 
adh  an  uaii-  a  thubhairt  e,  "  Chan  'eil  naire 
ormsa  de'n  soisgeul."  Mar  gu'n  abradh  e 
ris  fein,  tearc  agus  anfhann  's  mar  tha 
teachdairean  an  t-soisgeU,  amaideach  's  mar 
tha  sgeul  an  t-soisgeil  ann  an  cluasan  ludhach 
agus  Ghreugach,  tha  fhios  agam  gu'n  toir 
an  soisgeul  buaidh  air  a'  Phaganachd  sin,  a 
chionn  gu  bheil  cumhachd  an  De  bheo  ann. 

Thubhairt  fear  de  na  righrean  Stiubha-r 
dach  nach  b'  eaglais  an  eaglais  Chleireach 
do  dhuine-uasal.  B'  fhada  inntinn  Phoil 
o  na  smuaintean  faoine  agus  suarrach  sin 
Cha  tainig  e  riamh  'n  a  chridlie  f  hoighneachd 
an  robh  e  freagarrach  do  sgoilear  no  do  dhuine- 
uasal  mar  bha  e  fein  ainm  Chriosd  agus 
soisgeul  Chriosd  aideachadh  gu  foUaiseach  ; 


cha  tainig  e  riamh  'n  a  chridhe  naire  a 
ghabhaU  dheth  fein  air  son  a  bhi  searmon- 
achadh  an  t-soisgeil.  Cha  b'e  sin  idir  a  bha 
'n  a  inntinn,  ach  ionghnadh,  agus  gradh, 
agus  moladh,  gu  robh  cumhachd  cho  mor 
agus  cho  iongantach  anns  an  t-soisgeul  an 
uair  a  bha  e  air  a  shearmonachadh. 

An  uair  a  sgriobh  e  na  briathran  so  bha  e 
a'  cur  rounhe  dol  do'n  Roimh.  Bha  fhios 
aige  gu'n  abradh  daoine  a  bha  'g  an  cunntas 
fein  glic  agus  eagnaidh  nach  robh  ann  ach 
goraiche  dha  dol  do'n  Roimh  ma  bha  fiughair 
aige  gu'n  gabhadh  am  baile-mor  sin  ris  an 
t-soisgeul,  ach  ghlac  Pol  misneach  is  chuir 
e  aghaidh  air  an  Roimh  oir  bha  e  a'  creidsinn 
gu  robh  cumhachd  anns  an  t-soisgeul  a  bu 
laidire  na  cumhachd  air  bith  eile  air  an 
t-saoghal.  Bha  fhios  aige  gu  robh  an  sois- 
geul cumhachdach  o  Dhia  chum  tilgeadh 
sios  dhaingnichean,  agus  gach  ni  ard  a  tha 
air  ardachadh  an  aghaidh  eolais  Dhe. 

Chaidh  iompaireachd  agus  paganachd  na 
Roimhe  as  an  t-sealladh  ach  tha  soisgeul 
Chriosd  cho  beo  agus  cho  cumhachdach 
an  diugh  f  hat  hast  's  a  bha  e  riamh.  Air 
uairean  bidh  cuid  de  chairdean  an  t-soisgeil 
a'  gabhail  eagail  gu  bheil  aobhar  Chriosd  a' 
dol  air  ais  anns  an  t-saoghal,  agus  gu'm  faod 
e  tachairt  gu'm  bi  diathan  tira  air  an  cur  an 
aite  Chriosd.  Cluinnear  iomradh  gu  leoir 
an  diugh  air  na  diathan  sin  ;  diathan  a  tha 
cho  lionmhor  's  nach  urrainn  mise  ainm  a 
chur  orra  uile,  ach  biodh  cairdean  Chriosd 
fo  dheagh  mhisnich  ;  tachraidh  do  na  diathan 
sin  agus  do  na  soisgeulan  ura  agus  neonach 
sin  mar  thachair  do'n  fheadhainna  chaidh 
romhpa  ;  theid  iad  uile  as  an  t-sealladh  ach 
mairidh  Criosd  agus  a  shoisgeul  gu  brath. 

Bid  ainm-san  buan  gu  suthain  sior, 
Co-mhaireann  ris  a'  ghrein  ; 
Is  annsan  beannaichear  gach  slogh  ; 
'S  beannaichear  leo  E  fein. 

Ged  is  maith  an  i\id  am  paipear-naidh- 
eachd  tha  a'  bhuaidh  so  aige  air  inntinnean 
nan  daoine  a  bhios  'g  a  leughadh  ro  dhich- 
ioUach,  no  nach  bi  a'  leughadh  dad  eile,  gu'n 
lion  e  an  suilean  le  obair  an  latha  air  chor 


AN  SOISGEUL  SIORRUIDH— ARD-SHEANADH  NA  H-EAGLAIS 


agus  nach  fhaic  iad  obair  nan  linntean. 
Faodaidh  e  bhith  air  uairean  gu  bheil  fianuis 
an  latha  no  fianuis  na  seachduin  an  aghaidh 
Chriosd  agus  le  cuid  de  na  soisgeulan  ura, 
ach  tha  fianuis  nan  linntean  air  taobh 
Chriosd,  agus  tha  fianuis  nan  linntean  na's 
cudthromaiche  na  fianuis  an  la  no  aon 
ghineal.  Ma  thug  Criosd  buaidh  air  iom- 
paireachd  a  bha  cho  laidir  ri  iompatreachd 
na  Roimhe  agus  air  diathan  a  bha  air  an 
steidheachadh  le  seann  nos  ann  an  urram 
dhaoine  ;  ma  rinn  an  soisgeul  na  h-oibre 
miorbhuileach  a  rinn  e  ann  an  toiseach  a 
thoiseachaidh,  car  son  a  bhiodh  eagal  oirnn 
a  nis  gu'm  bi  Criosd  air  a  chur  bharr  a 
chriiin  le  iomhaigh  phreasach  odhar  a  bha  air 
a  deanamh  le  Mxs.  Eddy,  no  le  iomhaighean 
eile  a  tha  air  an  deanamh  le  lamhan  dhaoine. 

Tha  tri  iarrtusan  sonraichte  ann  an  cridhe 
mhic  an  duine  nach  gabh  miichadh,  agus  d'a 
bheil  soisgeul  Chriosd  a'  freagairt ;  tha  e 
ag  iarraidh  dearbhachd,  (1)  gu  bheil  Dia 
baigheil  ann  a  tha  a'  gabhail  suim  do  dhaoine, 
(2)  gu  bheil  Dia  grasmhor  ann  a  mhaitheas 
peacaidhean,  agus  (3)  gu  bheil  Dia  firinn 
ann  as  urrainn  daoine  a  threorachadh  anns 
an  fhirinn  agus  anns  an  t-solus.     Agus  do 


bhrigh  gu  bheil  na  h-iarrtusan  sin  air  coin- 
neachadh  riu  agus  air  an  riarachadh  ann 
an  losa  Criosd  mairidh  ainm  Chriosd  gu 
brath,  agus  mairidh  a  shoisgeul  gu  brath, 
mar  chumhachd  Dhe  chum  slainte. 

Tha  iomadh*  cumhachd  spioradaU  anns  an 
t-saoghal  an  diugh  a'  comh-oibreachadh  le 
cheile  gus  anmanna  dhaoine  a  shaoradh  o 
pheacadh  agus  o  sgrios,  ach  ged  nach  coir 
dhuinn  dimeas  a  dheanamh  air  cumhachd  no 
cungaidh  spioradail  air  bith  anns  a  bheil  cuid 
d'ar  co-chreutairean  a'  faotainn  dochais  no 
iocshlaint  d'  an  cridhe,  tha  aon  chumhachd 
spioradail  ann  a  tha  seasamh  a  mach  o  chach 
uile,  air  a  dearbhadh  troimh  na  linntean  mar 
chumhachd  Dhe  a  chum  slainte.  Sin  sois- 
geul Chriosd  ;  an  soisgeul  a  thog  an  eaglais 
agus  a  chuir  oran  nuadh  'n  a  beul ;  drain  a 
bhios  air  an  seinn  air  thalamh  gus  an  teid 
fonn  is  cuan  thairis,  agus  a  bhios  air  an  seinn 
gu  siorruidh  air  neamh. 


Chan  aobhar  naire  leamsa  Criosd, 
No  'chilis  a  dhion  gu  beachd  : 
A  crann  a  cheusaidh  ni  mi  uaill, 
Geilleam  gach  uair  d'a  reachd. 


Ard-Sheanadh  na  h-Eaglais 

Leis  an  Urramach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  C ill-mo -naomhaig 


P  AM  an  ath-leasachaidh  (1560)  tha  Mod 
Eaglais  na  h-Alba  a'  cleachdadh  a  bhi  a' 
suidhe,  bliadhna  an  deidh  bliadhna,  am 
bitheantas  ann  an  Dtm-eideann,  gu  bhi  ag 
orduchadh  a  cuisean  timeil  agus  spioradail. 
Chan  'eil  gnothuch  a  bhuineas  do  chreud, 
do  dh'  aoradh,  do  riaghladh,  no  do  shaothair 
na  h-Eaglais,  nach  faod  tighinn  fa  chomhair 
an  Ard-Sheanaidh  air  son  breith  a  thoirt  air. 
A  dh'aindeoin  cogaidh,  bha  talla  mor  na 
comhdhail  Ian  am  bliadhna  mar  a  b'abhaist 
de  mhinistirean  agus  de  f hoirfich  as  gach 
cearn  de'n  duthaich,  is  a  dtithchanna  eile, 
suas  ri  sia  ceud  deug  agus  tri  fichead  pearsa  ; 
agus  dh'fhan  a'  mhor-chuid  dhiubh  fad  nan 
ochd  laithean  anns  an  robh  gnothuch  na 
h-Eaglais  'g  a  rannsachadh.  Bha  coslas  car 
seanndaidh  air  a'  chuideachd,  ged  a  chiteadh 
spriotadh  de'n  oigridh  air  a  feadh.  Tha 
moran  de  na  ministeirean  oga  anns  an  Arm, 
no  aig  seirbhis  anns  na  campaichean. 

An  Eaglais  a^us  an  Staid 

Is  e  a'  cheud  fhaireachduinn  a  thogas 
fosgladh  an  Ard-Sheanaidh  anns  na  laithean 
so,  ann  am  chridhe  fein  co  dhiubh,  taingeal- 
achd  air  son  na  daimhe  chairdeil,   chomh- 


oibreachail  a  tha  eadar  riaghladh  ar  duthcha 
agus  ar  n-Eaglais.  Mar  bu  ghnath,  bha 
Fear-Ionaid  an  Righ  an  lathair,  Diiic 
Montros  is  cuideachd  inbheach  ma.Hle  ris, 
chan  ann  mar  fhear-faire  geur-shuileach, 
fuar-chridheach,  ach  mar  fhior  charaid,  a' 
cur  an  ceill  deagh-ghean  an  Righ  dhuinn 
'n  ar  n-uile  sheirbhis  air  son  maith  aimsireil 
agus  spioradail  an  t-sluaigh,  agus  ag  aithris 
a  rtiin  deagh  choimhead  a  dheanamh  air 
coirichean  laghail  na  h-Eaglaise.  Leugh  e 
dhuinn  an  litir  chaomh  so  o'n  Righ  ;  agus 
bha  fhios  againn  nach  b'e  briathran  diomhain 
a  bha  annta ;  oir  chan  e  a  mhain  gu'n  cuala 
sinn  an  coimeas  o  bhilean  an  Righ  fein,  a' 
bhliadhna  a  sheas  e  an  aite  athar  aig  ar 
coinneamh,  ach  tha  a  threibhdhireas  agus 
eud  a  thaobh  saothair  na  h-Eaglais  follais- 
each  do'n  duthaich.  Bha  latha  eile  ann. 
Cha  bu  toigh  leis  na  righrean  Stiiibhartach 
an  t-Ard-Sheanadh,  a  bha  riamh  a'  seasamh 
air  son  uachdranachd  Chriosd  'n  a  thigh 
fein  ;  agu^  b'  ann  air  son  an  Ard-Sheanaidh 
a  chumail  air  srein  a  bha  Riochdadair  an 
Righ  a  lathair  aig  a  choinneamhan.  Ach  an 
diugh,  cha  d'fhagadh  am  fuigheall  as  lugha 
de'n  amharus  dhraghail  ud  ;    oir  ged  a  tha 


ARD-SHEANADH  NA  H-EAGLAIS 


Ceann  na  Staide  a  lathair  ann  am  pearsa 
an  Fhir  lonaid,  chan  ann  aon  chuid  a  thoirt 
cead  do'n  Eaglais,  no  a  chur  grabaidh  oirre 
'na  gnothucji,  ach  a  thoirt  misnich  is  cothroim 
dhi  anns  gach  saothair  air  son  leas  an 
t-sluaigh. 

Labhair  an  Diuc  ruinn  chan  ann  a  mhain 
as  a  chathair  statail,  ach  mar  an  ceudna  air 
an  urlar  mar  bhall  de'n  t-Seanadh,  mar  sin 
a'  coimhead  a  chorach  mar  fhoirfeach  ;  agus 
labhair  e  mar  dhuine  maith  a  tha  fo  chiiram 
air  son  staid  spioradail  na  diithcha.  Chuala 
sinn  mar  an  ceudna  Ard  Chommandair  an 
Airm  ann  an  Albainn — an  Seanailear  Thorne 
agus  Ministear  a'  Chruin,  an  Ridire 
Gilleasbaig  Sinclair,  ag  innseadh  mu  dheagh 
sheirbhis  nam  ministear  an  againn  a  tha  a' 
frithealadh  anns  an  Arm,  agus  mu'n  chomh- 
fhurtachd  a  tha  annta  do  na  saighdearan. 

Beannachd  phriseil 

Ag  eisdeachd  ris  a  so  uile,  cha  b'urrainn 
dhomh  gun  a  bhi  'g  a  choimeas  ri  staid  nan 
rioghachdan  anns  am  bheil  na  Cumhachdaich 
agus  na  Commandairean  a'  geur-leanmhuinn 
na  h-Eaglaise,  agus  ag  aicheadh  dhi  gach 
cothrom  air  a  gnothuch  a  chur  air  aghaidh 
am  measg  an  t-sluaigh,  gu  sonruichte  am 
measg  na  h-6igridh.  Their  cuid  gu  bheil 
geur-leanmhuinn  maith  do'n  Eaglais,  a' 
dearbhadh  nam  fior  chreidmheach  mar  a 
dhearbhas  teine  na  h-amhuinn  an  t-6r. 
Chan  'eU  teagamh  nach  'eil  sin  fior  ;  a^ch 
tha  so  fior  cuideachd  ;  ma  tha  geur-lean- 
mhuinn laidir,  seolta,  agus  leantuinneach, 
faodaidh  i  cumhachd  Eaglais  a  bhriseadh 
gu  buUeach,  agus  a  cothrom  air  searmonach- 
adh  agus  teagasg  a  dhiultadh  uile  gu  leir  ; 
faodaidh  i  eadhon  sgrios  iomlan  a  thoirt 
air  Eaglais,  mar  a  thug  na  Mahometanaich 
air  Eaglaisean  na  h-Asia,  a  dh'ionnsaidh  an 
do  sgriobh  Eoin  an  Diadhair.  Chan  abrainn- 
sa  gu'n  robh  an  sgrios  sin  maith  aon  chuid 
do'n  Eaglais,  no  do'n  t-saoghal,  ach  'n  a 
chall  trom  agus  searbh,  amhuil  a  bhitheadh 
againn  ann  am  Breatunn  n'am  faigheadh 
Hitler  for  shall  sinn.  Mar  sin,  is  e  mo  bheachd 
gur  priseU  an  t-sochair  dhuinn,  chan  e  a 
mhain  saorsa  aoraidh  agus  teagasg  a  bhi 
againn,  ach  mar  an  ceudna  deagh-ghean 
Uachdranachd  ar  duthcha  agus  gach  cothrom 
reusonta  air  son  ar  seirbhis  a  chur  air  a 
h-aghaidh.  Nach  ann  mar  sin  a  bu  choir 
do  'n  Chumhachd  Aimsireil  agus  do'n 
Chumhachd  Spioradail  a  bhi — a  comh-oibre- 
achadh  le  cheile  ?  Is  ann  mar  sin,  ma  ta, 
a  tha  iad  againne ;  agus  gu  ma  fada  a 
mhaireas  ordugh  cho  freagarrach,  agus  cho 
buannachdail. 


Cor  na  h-eaglais 

A  bheil  ar  n-Eaglais  a'  deanamh  Ian  fheum 
de  a  cothrom  ?  Bu  bheag  maith  a  dheanadh 
sochair  de'n  t-seorsa  ud  dhuinn  mur  a 
bitheadh  an  Eaglais  airidh  oirre  le  durachd 
agus  eifeachd  a  seirbhis.  An  uair  a  sheallas 
mi  air  ais  air  na  thainig  fa'r  comhair  de 
shaothair  na  h- Eaglais  ann  an  Albainn  agus 
air  feadh  an  t-saoghail  ann  an  troimh-cheile 
na  h-aimsir,  tha  aobhar  taingealachd  mor 
ann  da-rireadh  ;  '  oir  ged  a  tha  ar  sluagh 
air  an  luasgadh  agus  moran  dhiubh  air  an 
sgapadh  feadh  an  t-saoghail,  cha  do  thuit 
aireamh  ar  luchd-comanachaidh  ach  gle 
bheag — eadar  sia  is  seachd  mile,  air  a'  bhli- 
adhna  chaidh  seachad ;  agus  is  anh  a 
fhuaradh  am  barrachd  airgid,  corr  maith  is 
da  mhuilletn  gu  leth,  air  son  ar  n-uile  aobh- 
ar an.  Aig  a'  cheart  am,  tha  aireamh  mhor 
mhinistearan  air  falbh  anns  an  arm  ;  tha 
cuid  eile  dhiubh  ann  an  tighean-seirbhis  na 
h- Eaglais  ann  an  campaichean  'n  ar  diithaich 
fein  agus  ann  an  diithchanna  cein  ;  agus  ni 
a  thug  toileachadh  mor  dhomh  a  chluinntinn, 
tha  suas  ri  ceud  ministear  a'  feuchainn  ri 
ruigheachd  leis  an  t-soisgeul  air  luchd-obair 
aig  an  tighean-obair  ;  oidhirp  hr,  dhraghail, 
a  tha  ag  iarraidh  misnich  agus  uidheam  nach 
'eil  aig  moran. 

An  oigridh 

Aig  a'  cheart  am,  tha  an  Eaglais  fad  o  bhi 
sasuichte  le  toradh  a  saothrach  ;  tha  i  fo 
charraid  nach  'eil  i  a'  ruigheachd  ach  air  • 
roinn  de  shluagh  Albainn,  ged  tha  1,261,000 
de  bhuUl  air  a  lea-bhraichean.  (Tha  mu  choig 
muillein,  eadar  bheag  is  mhor,  anns  an 
duthaich) — agus  gu  sonruichte,  tha  i  fo 
iomaguin  a  thaobh  na  h-6igridh,  oir  tha  a 
greim  orra-san  air  lasachadh  seach  mar  a 
b'  abhaist,  ann  an  tomhas  air  tailleamh  an 
luchd-teagaisg  aca  a  bhi  air  an  toirt  bhuapa 
leis  a'  chogadh  ;  tha  i  a'  rannsachadh  a 
doighean,  agus  deas  gu  meadhonan  ura  a 
chleachdadh,  ma  tha  coslas  glic  orra  agus 
iad  a'  gealltuinn  soirbheachaidh,  gu  son- 
ruichte oidhirp  anns  am  bi  an  dachaidh,  an 
sgoil  lathail,  an  sgoU  Shabaid  agus  comuinn 
bhalach  is  chaHeag  a'  comh-oibreachadh  air 
son  oilein  CriosdaU  a  thoirt  dhaibh.  Mar 
chomharadh  air  cho  mor  is  a  tha  feum  na 
h- oigridh  air  ciiram  is  fearr  a  ghabhaU 
dhiubh,  tha  duine  beartach  an  deidh  meall 
mor  airgid — £70,000 — a  thoirt  dhuinn  air 
son  an  aobhair,  a  chuideachadh  coinneamh 
ri  costus  thighean-comhdhail  is  uidheam  eile 
as  eugmhais  nach  gleidhear  greim  orra,  cho 
eudmhor  is  gu'm-  bi  an  cinn-iuil.  Tha  uachd- 
ranachd na  diithcha  mar  an  ceudna  fo  churam 
mu  staid  aireamh  mhor  de'n  oigridh  eadar 


ARD-SHEANADH  NA  H-EAGLAIS 


ceithir  deug  is  ochd  deug  a  dh'aois  ;  agus 
tha  e  soilleir  gu'm  feum  an  Eaglais  a  h-uile 
chomas  is  innleachd  onorach  a  chleachdadh, 
ma  tha  clann  na  duthcha  a'  dol  a  bhi  air  an 
togail  ann  an  oilein  agus  eagal  an  Tighearna. 

Eaglaisean  ura 
A  rithist  thug  an  t-Urr.  an  Dotair  Iain 
White  fa'r  comhair  am  feum  laidir  a  bhitheas 
air  mu  leth-cheud  eaglais  mhor  ur  an  deidh 
a'  chogaidh.,  Measar  gu'm  bi  suas  ri  leth- 
muillein  dachaidh  ri  'n  togail  anns  an 
duthaich,  mu'n  teid  moran  bhliadhnachan 
seachad  ;  agus  gu'm  bi  moran  de'n  togail 
so  ann  an  cruth  bhailtean  beaga  an  sud  is 
an  St)  ;  agus  mur  a  bi  an  eaglais  'n  am 
meadhon,  caiUidh  iad  an  Creidimh.  Is  e  a 
tha  anns  an  amharc  aon  eaglais  mhor  ann 
am  meadhon  deich  mile  sluaigh  le  buidheann 
mhinistearan  comh-cheangailte  rithe,  agus 
tallachaij-coinneamh  ann  an  cearnaibh  a 
bhaile.  Tha  sealladh  geur,  fada  aig  an 
Dotair  ;  agus  is  docha  gur  ann  mar  a  tha 
esan  a'  roimh-fhaicinn  a  thachras.  Ma  dh' 
eireas  na  bailtean  ud,  c6  a  their  nach  e 
dleasdanas  Eaglais  na  h-Alba  cothrom  aor- 
aidh  a  thoirt  do'n  t-sluagh  annta,  agus 
oileineachadh  Criosduidh  a  thoirt  d'  an 
cloinn  ?  Cho  fad  is  a  tha  roimE-shealladh, 
faidheadaireachd,  agus  eud  m'  ar  dleasdanas 
anns  an  Eaglais,  tha  i  chan  e  a  mhain  beo, 
ach  'ga  sineadh  fein  a  dh'  ionnsuidh  nan 
nithean  a  tha  air  thoiseach. 

Luchd  droch-bheairt 

Mar  an  ceudna,  faodar  a  radh  gur  gann  a 
tha  ceist  chruaidh  no  cuspair  cudthromach  a 
tha  fa'r  comhair  mar  shluagh  nach  d' 
thainig  fa  chomhair  an  t-Seanaidh.  Cha  toir 
mi  tarruing  an  drasd  ach  air  aon  dhiubh — 
sia  a'  cheist :  Ciod  is  coir  a  dheanadh  ris 
na  Gearmailtich  sin  a  tha  cunntasach  air 
son  mort  agus  sgrios  sluaigh  feadh  na  Roinn- 
Eorpa  a  tha  an  deidh  feirg  an  t-saoghaU'  a 
lasadh  'n  an  aghaidh  ?  Am  peanasachadh, 
ma  ghlacar  iad,  no  am  maitheadh  ?  Tha 
cuid  de'n  bheachd  nach  'eU  peanas  ceadaichte 
do  Chriosduidh,  agus  nach  coir  prionnspal 
dioghaltais  a  chleachdadh  ri  duine  no  ri 
buidheann  air  bith  ged  a  b'  iad  sgriosadairean 
mhiltean  gun  aireamh  ;  oir  gur  ann  do  Dhia 
a  mhain  a  bhuineas  dioghaltas.  Air  an 
laimh  eile,  tha  a'  mhor-chuid  a'  creidsinn  gu 
bheU  am  beachd  sin.  mearachdach  agus 
cunnartach,  a'  di-chuimhneachadh  gur  ann 
do  dhaoine  a  ni  aithreachas  de  'm  peacaidh- 
ean  a  tha  maitheanas  ri  fhoillseachadh  ;  gu 
bheil  am  beachd  ud  a'  deanamh  fochaid  air 
prionnspal  a'  cheartais,  a'  fagail  dhroch 
dhaoine  gun  achmhasan,  gun  smachdachadh  ; 


gu'n  deanadh  buil  a  thoirt  do'n  bheachd  ud 
riaghladh  eu-comasach,  agus  nach  'eU  dtith- 
aich  air  thalamh  as  urrainn  leigeil  le  mort- 
airean  agus  spiiinneadairean  dol  saor  o 
pheanas  an  cionta.  Ma  tha  sinne  'n  ar 
dtithaich  fein  a'  buntainn  gu  cruaidh  ri 
luchd  droch-bheairt,  car  son  a  dheanamaid 
atharrachadh  ri  'n  seorsa  ann  an  duthaich 
eile  ma  gheibh  sinn  greim  orra  ?  Mur  a 
peanasaichear  na  fior  chiontaich  a  ghlacar, 
bithear  a'  deanamh  fochaid  fhollaisich  air 
prionnspal-riaghlaidh  gach  duthcha.  Tha 
lagh  Dhe  agus  dhaoine  trom  air  luchd  droch- 
bheairt  ;  agus  is  maith  gu  bheil.  Dh' 
fhagadh  a'  chilis  mar  sin. 

An  Duthchann^  Cein 

Tha  ar  n-Eaglais  a'  saothrachadh  ann  an 
iomadh'  cearn  de'n  t-saoghal,  d'ar  sluagh 
fein  a  tha  sgapta  shiar  is  shear  agus  do 
naistinnich  dhiithchanna  mora  mar  tha 
China,  na  h-Innsean-an-Ear,  agus  Africa. 
Anns  an  iomradh  a  fhuair  smn  air  obair  na 
bliadhna  mu  dheireadh,  bha  e  soilleir,  ged 
a  tha  i  'g  a  cumail  air  a  h-aghaidh  le  dilseachd 
am  bitheantas,  gu  bheil  grabadh  nach  beag 
air  cuid  dhi.  B'  fheudar  sgur  uUe  gu  leir 
ann  am  Manchuria,  air  tailleamh  riaghailtean 
nam  maor  aig  lapan.  Ach  tha  dochas  gu'n 
tig  tilleadh  air  an  t-sruth  sin  fhathast.  Anns 
na  h-Innsean,  tha  duUeadasan  sonruichte 
againn  air  tailleamh  na  comh-stri  a  tha 
feadh  na  dtithcha  mu  riaghladh  Bhreatuinn 
innte.  Is  dqcha  gu'n  tig  leasachadh  air  an 
t-suidheachadh  so  le  foidhidinn  is  tim.  Tha 
gnothuichean  na's  fearr  ann  an  Africa  ;  ach 
anns  na  tri  diithchanna  mor  ud,  tha  aobhar- 
bacaidh  air  ar  saothair  cumanta  dhaibh — 's  e 
sin,  gainne  mhinistearan,  dhotairean  agus 
luchd-teagaisg ;  —  tha  an  f headhainn  oga 
dhiubh  anns  an  arm  ;  is  tha  an  t-seann 
f headhainn  'g  an  saruchadh.  Ach  air  a 
shon  sin  uile,  chan  ann  a'  gearan  a  chluinnear 
iad  ach  a'  deanamh  mar  is  fearr  a  dh' 
fhaodas  iad,  a'  searmonachadh,  a'  leigheas 
a'  teagasg,  agus  a'  riaghladh  Eaglaisean,  a' 
feitheamh  ann  an  dochas  ri  latha  na  sithe, 
agus  ri  feadhainn  oga,  laidir  a  ghabhas  an 
aite.  Chan  'eil  onair  as  priseUe  dhuinn  mar 
eaglais  na  bhi  dileas  ann  an  craobh-sgaoileadh 
an  t-soisgeU  feadh  an  domhain  ;  agus  cha 
dona  an  comharadh  oirnn  nach  do  rinn 
cisean  troma  agus  gach  gairm  eile  a  thainig 
air  ar  tighinn-a-stigh,  lughdachadh  air  tabh- 
artas  ar  sluaigh  air  son  an  aobhair  ud.  Tha 
suas  ri  coig  ceud  missipnairidh  de  gach 
seorsa  againn  anns  na  rioghachdah  ud.  Tha 
CO  dhuibh  ochd  ceud  muillem  sluaigh  ann. 
Da  rireadh,  tha  am  fogharadh  mor,  agus  an 
luchd-obair  tearc. 


Anns  a'  Chathair 

Gluaisidh  am  firean  'n  a  ionracas  ;  sona  bithidh  a  mhic  'n  a  dheidh. — -Gnath-fhocail  xx.  7 


IS  ann  eadar  na  bliadhnachan  1790  agus 
1795  a  thoisich  tighearnan-fearainn  na 
Gaidhealtachd  air  an  duthaich  a  chur  fo 
chaoraich,  a  chionn  gu'm  paigheadh  e  dhaibh 
na  b'fhearr  stoc  chaorach  a  bhi  air  an" 
talamh  seach  tuath.  Chaidh  cuid  de  'n 
tuath  do  na  bailtean  mora  a  dh'iarraidh 
cosnaidh ;  chaidh  cuid  dhiubh  do  dh' 
America  no  do  Chanada,  agus  bha  cuid 
eile  a  fhuair  croitean  beaga  ri  oir  a'  chladaich. 

Am  beagan  iiine  chuir  fasachadh  na 
Gaidhealtachd  curani  agus  eagal  air  a' 
Pharlamaid,  oir  chunnaic  an  Riaghaltas 
gu'n  robh  an  duthaich  a'  call  stoc  dhaoine 
a  bha  ainmeil  mar  shaighdearan,  agus  gus 
an  tuath  so  a  chumail  anns  a'  Ghaidhealtachd 
agus  cosnadh  a  thoirt  dhaibh,  dh'.  iarr  an 
Riaghaltas  air  Tomas  Telford,  engineer  maith, 
f  iosrachadh  mionaideach  a  dheanamh  mu  chor 
na  Gaidhealtachd,  agus  a  bheachdan  agus  a 
chomhairle  a  ,thoirt  dhaibh  a  thaobh  nan 
doighean  anns  an  gabhadh  cor  nan  Gaidheal 
leasachadh. 

Ged  nach  robh  boinne  de  fhuil  Ghaidheal- 
aich  ann  an  Telford,  bha  baigh  nadurra  aige 
ri  ar  diithaich-ne  agus  ar  daoine,  agus  a 
mach  ^  Sir  Walter  Scott  chan  aithne  dhomh 
coigreach  eile  as  motha  a  churr  comain'  air 
muinntir  na  Gaidhealtachd  na  Telford.  Is 
ann  air  a  chomhairle,  agus  fo  innleachd  a 
laimhe,  a  bha  Canal  a'  Ghlinn  Mhoir  air  a 
dheanamh,  agus  iomadh  obair  eile  a  rinn 
feum  do'n  Ghaidhealtachd.  (Tha  sraid  an 
Inbhir-nis  ris  an  abrar  Sraid  Telford,'  a 
fhuair  a  h-ainm  a  chionn  gur  ann  oirre  a  bha 
na  tighean  anns  an  robh  an  luchd-ceairde  a 
bha  ag  obair  air  a'  Chanal  a'  fuireach.) 

Ged  nach  do  phaigh  an  Canal  riamh  (co 
dhiubh  tha  mi  an  diiil  nach  do  phaigh)  cha 
b'  ann  aig  Telford  a  bha  a'  choire,  is  tha 
e  a'  togail  fianuis  gus  an  la  an  diugh  air 
a  sgil-agus  a  theomachd  mar  engineer. 

Thoisich  an  obair  an  1804,  agus  bha  an 
Canal  criochnaichte  an  1822.  Chosd  e  os 
cionn  muillean  punnd  Sasunnach. 

Chuala  mi  duine  eolach  ag  radh  uaireigin 
gu  robh  Canal  a'  Ghlinn  Mhoir  na  bu 
duUiche  a  dheanamh  na  Canal  Suez,  ged 
tha  Canal  Suez  na's  motha.  Tha  Canal  a' 
Ghlinn  Mhoir  mu  thri  fichead  mile  a  dh' 
fhad,  eadar  Inbhir-nis  agus  a'  Chorpaich, 
ach  tha  na  tri  lochan.  Loch  Nis,  Loch 
Obhaich,  agus  Loch  Lochaidh,  a'  comhdach 
d?-  fhjchead  mile  dheth  sin.    An  uair  a  bha 


an  Canal  'g  a  dheanamh  b'  fheudar  dhaibh 
ixrlar  Loch  Obhaich  a  sguabadh  agus  a 
chladhach  a  chionn  nach  robh  doimhneachd 
gu  leoir  ann,  is  theab  e  fairtleachadh  orra 
so  a  dheanamh  leis  na  craobhan  mora  a  bha 
'n  an  laighe  anns  an  loch. 

Ach  chan  ann  a  dh'uinseadh  mu  obair  a 
Chandil  a  thoisich  mi  air  an  t-seanchas  so, 
ach  a  dh'  innseadh  mu  athair  agus  mu 
sheanair  an  Ollaimh  Seumas  Mitford  Mitchell 
a  bha  air  ainmeachadh  air  an  duUleig  so  air 
a'  mhios  a  chaidh  seachad. 

Eadar  glasan  a'  Chanail  agus  na  droch- 
aidean  a  thog  Telford  an  uair  a  bha  na 
rathaidean-mora  'g  an  deanamh  bha  iarraidh 
air  clachairean  maith.  B'  e  sud  linn  nan 
claehairean,  ach  ged  nach, robh  a  bheag  de 
chlachairean  anns  a'  Ghaidhealtachd  fhein 
bha  gu  leoir  dhiubh  air  Machair  Mhoireibh, 
an  Inbhir  Narunn,  am  Farrais,  agus  anns  na 
bailtean  eile  mu'n  cuairt  orra.  An  toiseach 
an  earraich  thogadh  iad  orra  do'n  Ghaidhe- 
alteachd  far  an  robh  cosnadh  gu  leoir  a' 
feitheamh  orra,  agus  thiUeadh  iad  dhachaidh 
an  uair  a  bhriseadh  air  an  t-sid  mu  NoUaig. 

Am  measg  nan  clachairean  ud  bha  fear 
de'n  ainm,  Iain  Mitchell,  duine  nach  d'fhuair 
sgoil  ach  anns  an  robh  tur  agus  tuigse  gu 
nadurra.  Bha  meas  mor  aig  Telford  air  ; 
shonruich  e  e  gu  bhi  a'  seaUtainn  as  deidh 
an  rathaid  a  bha  'ga  dheanamh  ri  taobh 
Loch  Nis  agus  an  Gleann-garaidh,  agus  air 
a'  cheann  mu  dheireadh  chuir  e  thairis  e  air 
rathaidean  na  Gaidhealtachd  uile  gu  leir, 
suas  ri  naoi  ceud  mile  de  rathaidean  o 
lonar-Aora  gu  lonar-Theorsa,  a  bha  air  an 
deanamh  le  Telford  anns  na  bliadhnachan  ud. 

Feumaidh  gu  robh  Iain  Mitchell  'n  a 
dhuine  sonruichte  oir  sgriobh  am  bard 
Sasunnach,  Raibeart  Southey,  a  bha  air 
chuairt  anns  a'  Ghaidhealtachd  an  1819, 
mar  so  uime,  "  Ged  nach  mor  gu'n  rachadh 
aige  air  leughadh  no  sgriobhadh,  chunnaic 
Telford  gu  robh  tur  agus  toinisg  neo- 
chumanta  ann,  agus  gu'n  robh  e  cho  treibh- 
dhireach  's  gu'm  faodadh  e  rud  air  bith 
earbsadh  ris.  Leis  nach  robh  eagal  no 
brosgul  ann,  agus  gu'n  robh  e  cho  ceart 
agus  cho  glan  ris  a'  ghrein,  bha  e  furasda 
dha  comannd  a  chumail  air  an  luchd-oibre." 

Bha  feum  air  duine  neo-eisiomaUeach  agus 
air  duine  laidir  ann  an  obair  nan  rathaidean, 
oir  bha  iad  a'  dol  troimh  fhearann  thi- 
ghearnan-fearainn    a    bha    an    diiil    gu'm 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


faodadh  iad  car  air  bith  a  chur  arms  an 
rathad  a  fhreagradh  orra  fein.  Bha  dull 
aca  gu'n  rachadh  aca  air  leithid  Iain  Mitchell 
a  shuaineadh  m'an  corragan,  ach  co  dhiubh 
a  dheanadh  iad  brosgul  no  maoidheadh 
leanadh  esan  an  t-6rdugh  a  thug  Telford 
dha,  gun  dol  leth  an  oirlich  a  null  no  a  nail. 

Dh'fheuch  cuid  dhiubh  ri  chur  a  mach 
as  a  dhreuchd,  agus  air  uairean  bha  a  bheatha 
an  cunnart,  ach  bha  e  cho  neo-sgathach  agus 
cho  neo-ghluasadach  ri  creig.  Air  a  thurusan 
bhiodh  e  a'  cur  suas  ann  an  tighean  mora 
agus  ann  an  tighean  beaga,  le  tighearnan- 
fearainn  agus  le  croitearan,  ach  c'  aite  air 
bith  am  bitheadh  e  cha  togadh  agus  cha 
mho  a  thuiteadh  speuran  a  chinn  ;  bha  e 
daonnan  stuama,  agus  onorach,  agus  firinn- 
each,  duine  a  bha  cho  seasmhach  'n  a  fhacal 
ris  na  clachan  a  chuireadh  e  ann  an  aol. 

Ged  nach  d'  fhuair  e  sgoil  'n  a  oige  thog 
e  sgoU  le  dhicheaU  fhein,  agus  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  bha  a  chleirsinneachd  cho  maith 
ri  chlachaireachd. 

An  uair  a  shiubhail  e  an  1824  bha  a 
leithid  de  mheas  aig  Commissioners  nan 
E-athaidean  air  Iain  Mitchell  's  gu'n  d' 
thug  iad  aite  d'a  mhac,  loseph  Mitchell,  ged 
nach  robh  e  ach  gu  maith  6g. 

Fhuair  loseph  Mitchell  sgoil  nach  d'  fhuair 
athair ;  bha  e  ann  an  sgoil  mhaith  am 
Farrais,  'n  a  dheidh  sin  an  Academy  Inbhir- 


nis  tri  bliadhna  gu  leth,  agus  bliadhna  an 
Obair-Dheathain,  'g  a  uidheamachadh  fhein 
gu  bhi  'n  a  engineer. 

An  uair  a  bha  e  seachd  bliadhna  deug 
chuir  'athair  e  bliadhna  ris  a'  chlachaireachd, 
a  theagasg  dha  a  lamhan  agus  a  shiiilean 
uisneachadh  m'an  rachadh  e  na  b'fhaide  air 
aghaidh  anns  an  ionnsachadh,  agus  mar  sin 
bha  e  air  a  chur  do  Chille  Chuimfein  a  dh' 
obair  air  glasan  a'  Chanail,  fo  laimh  fear- 
ceirde  maith. 

An  Cille  Chuimein  chunnaic  Telford  gu 
robh  Mitchell  6g  cho  maith  air  plan  a 
tharruing  air  paipear  's  gu'n  d'  iarr  e  air 
dol  comhla  ris  fhein  do  Lunnainn.  Bha 
Telford  mar  athair  dha. 

Ach  gus  naidheachd  fhada  a  dheanamh 
goirid  b'e  loseph  MitcheU  lamh  dheas  Telford 
o'n  am  so,  agus  am  beagan  iiine  bha  e  fhein 
'n  a  engineer  ainmeil.  Fad  da  fhichead 
bliadhna  's  a  coig  bha  l^mh  aige  anns  a 
h-uile  obair  mhor  a  bha  dol  air  aghaidh 
anns  a'  Ghaidhealtachd,  drochaidean, 
acarsaidean,  tighean,  rathaidean  -  mora, 
rathaidean  iaruinn,  sgoilean.  Cha  robh  ploc 
de'n  Ghaidhealtachd  nach  b'aithne  dha,  agus 
bha  eolas  a  b'  fhearr  aige  air  a'  Ghaidhealt- 
achd agus  air  a  suidheachadh  na  bha  aig 
duine  eile. 

B'  esan  athair  Sheumais  Mitford  MitcheU 
a  bha  'n  a  mhinistear  measaU  an  Eaglais 
na  h-Alba. 


Aig  an  Uinneig 


Cion  Slainte 

AM  measg  gach  aobhar  a  tha  a'  deanamh 
dhaoine  neo-shona  chan  'eil  aobhar  eile  a 
tha  'g  a  dheanamh  sin  cho  trie  ri  cion  slainte. 
Faodar  a  radh  mu'n  dara  leth  de  dhaoine 
nach  'eil  iad  an.  dara  cuid  tinn  so  slan. 
Ged  tha  iad  air  an  casan  agus  ag  obair 
tha  an  ceum  trom  agus  an  obair  'n  a 
h-uallach  dhaibh,  agus  tha  iad  daonnan 
air  bheul  toirt  suas.  Chan  'eil  sruth  na 
beatha  ach  a'  ruith  gu  fann  'n  an  cuislean. 
Tha  gach  la  dhaibh  mar  gu'm  biodh  seach- 
duin,  agus  gach  seachduin  mar  gu'm  biodh 
mios  ;  an  uair  a  sheallas  iad  air  thoiseach 
orra  agus  a  chuimhnicheas  iad  gu  bheil  corr 
agus  tri  cheud  la  aca  ri  chothachadh  fhathast 
m'  an  tig  a'  bhliadhna  gu  crich,  cha  mhor 
nach  toir  iad  thairis  uile  gu  leir. 

Ma  tha  thusa,  a  leughadair,  a'  faireach- 
duinn  an  cion  neirt  so  annad  fein,  no  ma 
tha  anfhannachd  na  feola  a'  mUleadh  sith  do 


chridhe,  chomhairlichinn-sa  dhuit  greimeach- 
adh  air  a'  gheaUadh  so  le  do  dha  laimh, 
Bheir  an  Tighearna  neart  d'a  shluagh.  Tha 
e  a  cheart  cho  furasda  do  Dhia  bodhig  duine 
a  neartachadh  's  a  tha  e  dha  anam  a  neartach- 
adh,  is  tha  e  a  cheart  cho  reusanta  do  dhaoine 
sealltainn  ri  Dia  air  son  slainte  cuirp  's  a  tha 
e  dhaibh  seaUtainn  ris  air  son  grasan  an 
spioraid.  Tha  miltean  de  dhaoine  anns  an 
t-saoghal  a'  feitheamh  gu  faidhidinneach  air 
lighichean,  ag  iarraidh  slainte,  d'am  biodh  e 
fada  fada  na  b'  fhearr  feitheamh  gu  faidhi- 
dinneach air  Dia.  Ach  feithidh  iad  air  na 
lighichean  agus  caithidh  iad  am  maoin  uile 
orra  a  chionn  nach  'eil  iad  a'  creidsinn  Facal 
an  Tighearna,  agus  a  chionn  nach  'eil  earbsa 
aca  gur  h-urrainn  Dia  deideadh,  no  loinidh, 
no  eucail  cuirp  a  leigheas. 

Tobar  na  beatha  tha  gu  dearbh 
Agad-sa  Dhia  nan  did. 


AIG  AN  UINNEIG 


Cion  cadail 

Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  deuch- 
ainnaiche  na  cion  cadail,  ach  tha  miltean  d' 
ar  co-chreutainrean  a  bhios  a'  dol  do'n  leab- 
aidh  anns  an  oidhche  le  eagal,  ag  radh  mar 
thubhairt  lob,  "  Airmhear  dhomh  oidhchean 
craidh  ;  c'uin  a  dh'  eireas  mi  agus  a  theid 
an  oidhche  seachad  ;  tha  mi  Ian  luasgaidh  a 
null  agus  a  nail  gu  briseadh  na  faire."  A 
h-uile  oidhche,  an  uair  a  bhios  sinn  a  dean- 
amh  ar  n-urnuigh-leapa  bu  choir  dhuinn 
athchuinge  a  dheanamh  ri  Dia  air  son  ar 
braithrean  a  tha  fulang  le  cion  cadail.  Agus 
a  h-uile  maduinn  a  dhiiisgeas  sinn  bu  choir 
dhuinn  buidheachas  a  thoirt  do  Dhia  air  son 
gu'n  d'  fhuair  sinn  cadal  agus  gu'n  do  chum 
e  suas  sinn  am  measg  chunnartan  na  h-oidh- 
che.  An  uair  a  laigheas  sinn  sios  air  leaba 
shocrach  bu  choir  dhuinn  a  chuimhneachadh 
nach  robh  sin  aig  Mac  naomh  Dhe  air 
uairean.  Bha  tuill  aig  na  sionnaich  agus 
nid  aig  eunlaidh  an  adhair  ach  cha  robh 
aite  aige-san  anns  an  leagadh  e  a  cheann. 

Bho  chionn  bhliadhnachan,  aig  cruin- 
neachadh  mor  a  bha  aig  na  dotairean, 
thubhairt  dotair  ainmeil  gu'n  do  chuir  e 
seachad  a'  chuid  a  b'  fhearr  d'a  bheatha  a' 
feuchainn  ri  aotramachadh  a  thoirt  do 
dhaoine  a  bha  fulang  le  cion  cadail  agus 
eucailean  eile  de'n  t-seorsa  sin,  agus  nach 
d'  fhuair  e  riamh  cungaidh  a  bha  cho 
eifeachdach  ri  urnuigh. 

Ann  an  urnuigh  tha  laigse  an  duine  a' 
taiceachadh  ri  neart  agus  cumhachd  an  Tigh- 
earna,  agus  ciamar  nach  biodh  inntinn  fhois- 
neachail  aig  duine  a  tha  creidsinn  gu  bheil 
na  gairdeanan  siorruidh  timchioU  air  gach 
oidhche  is  la.  An  uair  a  bha  losa  agus  na 
deisciobuil  a  mach  air  an  loch,  agus  a  sheid 
an  stoirm,  b'  urrainn  dhasan  cadal  ged  nach 
b'  urrainn  dhaibhsan,  oir  bha  fhios  aige  gu 
robh  a'  ghaoth  agus  an  fhairge  ann  an 
laimh  athar. 

Ann  an  toiseach  na  h-oidhche,  m'  an  do 
thoisich  mi  air  so  a  sgriobhadh,  bha  mi  a' 
tionndadh  nan  duilleagan  anns  an  leabhar 
a  chuir  am  fear  nach  maireann  a  mach,  an 
t-OUamh  Alasdair  Mac  'lUe  Mhicheil  ;  ag 
ionaltradh  air  raontan  glan  is  farsuing.  Am 
measg  nithean  eile  air  an  do  laigh  mo  shuil 
laigh  i  air  aon  no  dha  de  na  h-urnuighean 
agus  na  rannan  leis  am  biodh  ar  n-aith- 
richean  'g  an  cur  fein  a  chadal  anns  na  seann 
laithean. 

An  ainm  an  Tighearn  losa, 
Agus  Spiorad  iocshlain  high, 
An  ainm  Athar  Israeli, 
Sinim  sios  gu  tamh. 


Ma  tha  musal  no  dusal, 
No  run  air  bith  dhomh  'n  dan, 
Dhia  fuasgail  orm  is  cuartaich  orm. 
Is  fuadaich  uam  mo  namh. 

An  ainm  Athar  priseil. 
Is  Spiorad  iocshlain  aigh,    • 
An  ainm  an  Tighearn  losa, 
Sinim  sios  gu  tamh. 

An  cuan  agus  an  speur 

Ged  bhios  daoine  ag  radh  gur  e  an  aon 
speur  a  tha  liibadh  os  cionn  na  h-Alba  uile, 
siar  agus  sear,  tha  mughadh  mor  eadar  an 
speur  agus  na  neoil  a  chithear  ann  an  Atholl 
agus  an  speur  agus  na  neoil  a  chithear  ann  an 
Uidhist,  barrachd  mughaidh  's  a  tha  eadar  na 
daoine,  agus  is  mor  sin.  Annta  fein  chan 
'eil  na  h-eileanan  idir  cho  boidheach  ris  an 
fhearann  a  tha  air  tir-mor  na  h-Alba  ;  tha 
iad  greannach  is  creagach  is  lom,  ach  air  uair- 
ean, aig  airde  mhara  an  dol  fodha  na  greine, 
chithear  gloir  is  maise  anns  na  h-eileanan 
nach  fhacas  riamh  air  machair  Alba.  Ach 
buinidh  a'  ghloir  sin,  cha  ann  do'n  fhearann, 
ach  do'n  chuan  agus  do'n  speur.  Chan  'eil 
Colla  agus  Tiriodh  ach  gu  maith  lom  is 
luideagach  an  coimeas  ri  Dun-chailleann  no 
ri  Ratamhurchuis,  ach  tha  tri  fichead  la  anns 
a'  bhliadhna  anns  a  bheil  an  speur  a'  sileadh 
gloire  agus  an  cuan  a'  deanamh  iolaich  ann 
an  Colla  agus  ann  an  Tiriodh  mar  nach  do 
rinn  speur  no  monadh  riamh  an  Diin- 
chailleann  no  an  Rata-mhurchuis. 

Tha  am  pios  as  maisiche  a  dh'  Albainn  suas 
eadar  an  Rudha  Murchannach  agus  Rudha 
Stoir  an  Cataobh.  Fad  an  t-siubhail  tha  an 
cladach  air  eagadh  mar  gu'n  biodh  beul 
saibh  ;  baghan  is  lochan  a'  fosgladh  far  nach 
robh  dull  agad  riutha,  a'  leigeil  leis  a'  mhuir 
a  greus-obair  fhein  a  chur  air  a'  chladach 
mar  nach  b'  urrainn  cumhachd  eile  fo'n 
ghrein  a  dheanamh.  Eadar  an  da  Rudha 
ud  chi  thu  Eige  agus  Rum  ;  Uidhist  agus  an 
t-Eilean  Sgitheanach  ;  chi  thu  Loch  Muideart 
is  Loch  nan  Uamh  ;  Loch  Morar  is  Loch 
Nibheis  is  Loch  lutharn  ;  Loch  Duich  is  Loch 
Carrann  ;  chi  thu  an  Cuilionn  Sgitheanach  is 
beanntan  Thoirbheartan  ;  an  Sleaghach,  an 
Teallach,  is  beinn  Eighe  ;  chi  thu  sin  agus 
mile  sealladh  eile  nach  'eil  a  choimeas  ri 
fhaicinn  ann  an  aite  air  bith  fo'n  ghrein. 
Na'n  robh  an  t-sid  na  b'  fhearr  na  tha  i  anns 
na  h-eileanan  an  lar  bu  mhaith  am  flaith- 
eanas  do  dhuifl^  a  chomhnuidh  a  bhi  annta 
gu  brath.  Ach  tha  an  t-sid  dona  dona,  a' 
freagairt  air  roin  is  tunnagan  na's  fhearr  na 
fhreagras  i  air  daoine. 

An  e  an  t-sid  as  coireach  gu  bheil  an 
sluagh  a'  f^s  gann  air  feadh  na  Gaidhealtachd 


AIG  AN  UINNEIG 


agus  anns  na  h-eileanan  ?  Chan  urrainn  mi 
a  radh,  ach  chan  e  mhain  gu  bheil  an  sluagh 
a'  fas  gann  ach  tha  ar  canain  a'  dol  air 
a  h-ais  cuideachd.  Is  ann  gle  annamh  a 
thachras  duine  6g  riut  anns  a'  Ghaidhealtachd 
an  diugh  as  urrainn  seanchas  a  dheanamh 
riut  ann  an  GaidhHg  cheart,  no  air  na 
nithean  a  b'aithne  d'a  sheanair.  Chan  'eil 
teagamh  nach  'eil  eolas  aig  an  ogha  air 
nithean  nach  b'  aithne  d'a  sheanair,  ach 
gu  bitheanta  tha  e  na's  aineolaiche  air 
eachdraidh  a  dhiithcha  agus  air  eachdraidh 
a  chinnidh  fein  na  bha  a  sheanair,  agus 
chan  'eil  e  oho  furasda  dha  a  smuaintean 
innseadh  arm  an  Gaidhlig  's  a  bha  e  d'a 
athair  agus  d'a  sheanair. 

Dachaidh  shona 

Ged  is  aoibhneach  an  sealladh  duthaich 
mhaiseach  is  aoibhniche  na  sin  dachaidh 
shona.  Ann  an  sgir  araidh  tha  seana  charaid 
air  am  bi  mi  air  uairean  a'  tadhall.  Tha 
an  duine  os  cipnn  ciethir  fichead  agus  a 
bhean  gle  dhlvith  air  a'  cheart  aois.  Tha 
iad  posda  leth  cheud  bliadhna,  ach  tha  an 
teaghlach  sgapta  air  feadh  an  t-saoghal,  agus 
chan  'eil  aig  na  seann  daoine  ach  iad  fein. 
Ged  nach  'eil  a  bheag  de'n  t-saoghal  aca 
tha  iad  taingeil  toilichte  ;  tha  uallach  na 
h-aoise  air  aotramachadh  dhaibh  le  pension 
na  seann  aoise  a  tha  aca  le  cheile.    An  uair  a 


bhithear  a'  mallachadh  Lloyd  George,  agus 
sin  an  aon  obair  agus  an  aon  seanchas  a  bhios 
aig  tri  trianan  de  mhuinntir  na  duthcha  so 
an  uair  nach  bi  iad  'n  an  cadal,  bu  choir 
dhuinn  a  chuimhneachadh  gu  robh  co-fhair- 
eachduinn  aig  Lloyd  George  ris  na  bochdan, 
agus  gu  bheil  miltean  anns  an  rioghachd  an 
diugh  aig  a  bheil  aobhar  ainm  a  bheannach- 
adh  a  chionn  gu'n  tug  e  air  falbh  bhuapa  an 
t-eagal  a  bha  orra  roimh  sheann  aois. 

Ach  gus  tilleadh  ri  mo  naidheachd,  ged 
tha  dachaidh  na  caraid  ud  beag  is  diblidh 
tha  an  tigh  air  a  chumail  cho  glan  ris  an 
or,  is  tha  iad  fein  sona  'n  a  bhroinn.  Oir 
tha  eagal  an  Tighearna  orra  le  cheUe,  is 
bidh  iad  a  labhairt  r'  an  Athair  neamhaidh 
ann  an  iirnuigh  mu  gach  duileadas  no 
deacaireachd  a  thachras  orra. 

Ma  bu  mhaith  leat  an  creideamh  Criosduidh 
a  thuigsinn  chan  ann  ann  an  leabhraichean 
nam  feallsanach  no  ann  an  leabhraichean 
nan  diadhairean  a  gheibh  thu  an  solus  ach 
ann  an  dachaidhean  nam  bochd.  Tha  na 
feallsanaich  agus  na  diadhairean  maith  gu 
leoir  'n  an  aite  fein,  ach  cha  toir  iad  a  steach 
thu  ach  do'n  chuirt-a-mach  ;  ach  ann  an 
dachaidhean  nam  bochd  gheibh  thu  thu  fein 
air  uairean  anns  an  ionad  as  ro-naomha,  is 
chi  thu  anns  an  ionad  sin  coinneal  gheal 
nach  d'  fhuair  Iain  Calvin  no  duine  eile 
an  t-ainm  ceart  dhi  riamh. 


Tir  Immanueil 


2. 


Is  ann  ann  an  tir  Immanueil, 
Tha  'm  fearann  as  fearr  brigh, 
Bidh  solas  aig  an  anam  innt', 
Nach  dealaich  ris  a  chaoidh  ; 
Oir  cha  bhi  gaoid  no  galar  innt', 
Cha  ghearain  neach  bhi  tinn, 
Gach  aon  bidh  sunndach  sabhailte, 
'S  e  mealtainn  graidh  an  righ. 

Tha  grian  an  aigh  a'  dearrsadh  innt', 
Le  gathaibh  blatha  buan  ; 
Bidh  latha  soilleir  Samhraidh  innt', 
Chan  f  haicear  Geamhradh  fuar  ; 
'S  e  triath  na  gloir  a  cheannaich  i, 
'S  a  bheannaich  i  d'a  shluagh  ; 
Ged  bha  iad  ann  am  miorun  da, 
'N  an  traillean  diblidh  tru,agh. 


Cha  bhi  innte  bron  no  mulad, 
'S  ann  bhios  gach  duine  seinn, 
A'  toirt  cliii  is  gloir  is  urram, 
Do'n  ti  a  dh'fhuiling  air  a'  bheinn 
An  ti  a  ghlan  gu  grasmhor  iad, 
O'n  grainealachd  gu  leir, 
Is  a  rinn  righrean  arda  dhiubh, 
'N  a  liichairt  aghmhor  fein. 

Tha  sgeadachadh  na's  riomhaich  orr', 

Na  th'air  na  righrean  's  aird  ; 

Is  trusgan  glan  na  fireantachd, 

'G  an  comhdach  sios  gu'n  sail ; 

Tha  cruin  nach  searg  gu  siorruidh  orr'. 

Thug  los'  iad  dhaibh  'n  a  ghras  ; 

'S  tha  craobh  na  beatha  cinntinn  dhaibh, 

'S  gu'n  gabh  iad  dion  fo  sgail. 


Mo  Shl^nuighear,  mo  Shlanuighear, 

Seall  orms'  ad  ghras  a  nuas  ; 

M'uil  earbsa  tha  'san  iobairt  ud, 

Tha  neo-chriochnach  'n  a  luach  ; 

0  glan  mi  o  gach  grainealachd, 

A  tha  'g  am  fhagail  truagh  ; 

'S  dean  deas  mi  a  thoirt  coinneamh  dhuit. 

An  tir  an  t-sonais  bhuain. 


Iain  MacGhilleathain. 


Aireamh   lo 


1943 


Fein-Cheasnachadh 

(Roimh  Shabaid  Comanachaidh) 

Ach  ceasnaicheadh  duine  e  fein,  agus  mar  sin  itheadh  e  de  'n  aran,  agus  oladh  e  de  'n  chupan. 

I.  Cor.  xi.  28. 


AIG  a  h-uile  am,  'ach  gu  sonruichte  aig  am 
Comanachaidh,  tha  e  ghc  do  hichd-aideach- 
aidh  conneal  na  Firinn  a  ghabhail  agus  dol 
a  steach  d'  an  cridhe  fein  chum  a  sheom- 
raichean  diomhair  a  rannsachadh,  oir  cha 
bhiodh  naoimh  agus  diadhairean  troimh  na 
linntean  uile  a'  leantuinn  a'  chleachdaidh  so 
mur  biodh  fhios  aca  gu  robh  e  buannachdail 
dhaibh  anns  a'  bheatha  dhiadhaidh. 

Gun  teagamh  tha  moran  dhaoine  an  diugh 
a'  deanamh  fanaid  air  an  t-seann  chleachdadh 
so,  agus  ag  radh  nach  e  maith  ach  cron  a  tha 
ann  dhuinn  a  bhi  a'  smuaineachadh  air  ar 
peacaidhean  tuilleadh  's  a  choir.  Theagamh 
gu  bheil  boinne  beag  de  'n  fhirinn  sen  sin, 
ach  chan  'eil  ann  ach  boinne',  oir  tha  mi 
cinnteach  nach  e  an  f  haihng  a  tha  ag  iadhadh 
m'  an  mhor-chuid  de  dhaoine,  gii  bheil  iad 
a'  smuaineachadh,  ro  thric  no  ro  thhrsach 
air  ail  peacaidhean  ach  nach  "eil  iad  a" 
smuaineachadh  orra  idir,  no  a'  cuimhneach- 
adh  cho  graineil  's  a  tha  eadhon  am  peacadh 
as  lugha  am  fianuis  an  De  naoimh.  As 
eugmhais  eolas  a  bhi  againn  air  av  cridhe- 
achan  fein  chan  urrainu  dhuinn  gu  brath 
teachd  an  lathair  Dhe  leis  an  aon  iobairt 
a  tha  e  ag  iarraidh,  cridhe  briste  agus  briiite. 

Tigh  gun  uinneag 

"  An  duine  nach  lannsaich  a  choguis  agus 
a  chridhe,"  ars  aon  de  na  seann  diadhairean, 
"  tha  c  mar  thigh  gun  lanneag."  Tha  e 
furasfUi  dhuinn  uile  sinn  fein  a  mhealladh 
agus  a  bhi  an  din'l  gu  bheil  sinn  moran  na 
\s  fhearr  agus  na  's  diadhaidhe  na  tha  sinn 
an  da  rireadh.  Is  e  an  doigh  air  sin  a 
sheachnadh  ar  giiilan  agus  ar  caitheamh- 
beatha  a  sgriidadh  gu  h-onorach  an  drasd 
's  a  ris  aim  an  solus  Facal  an  Tighearna. 
La  air  chor-eigin  feumaidh  sinn  seasamh  an 
solus  breitheanais  Dhe,  solus  a  rannsaicheas 
agus  a  bheir  am  follais  nithean  diomhaii'  ar 
cridhe.  Nach  h"  fhearr  dhuinn,  ma  ta,  an 
solus  sin  a  leigoij  a  steaeh  a  nis  am  feadh 
's  a  tha  fathast  iiine  agii-s  cothrom  againn 
eisdeachd  ri  ciod  a  tha  aig  Spiorad  an 
Tighearna  ri  radh  ruinn  ;     spiorad  na  firinn 


a   bheir  dearbhachd   dhuinn   mu   pheacadh, 
agus  mu  fhireantachd,  agus  mu  bhreitheanas. 

Bu  ghlic  (agus  bu  diadhaidh  cuideachd) 
an  duine,  an  t-OUamh  Mac  Iain,  agus  is 
trie  a  thachras  briathran  ■  de  'n  t-seorsa  so 
oirnn  'n  a  leabhraichean.  "Tha  mi  nif^  le 
trocair  Dhe  ag  ullachadh  mo  chridhe  chum 
cuimhne  a  dheanamh  air  bas  mo  Shlanuigheir 
chaoimh  agus  a  chum  mO'  bhoidean  iocadh 
do  m'  Chruithear.  An  uair  a  sheallas  mi 
air  m'  ais  air  a'  bhliadhna  a  chaidh  seachad 
tha  naire  orm  nach  do  riim  mi  ach  droch 
fheum  dhith.  Chan  'eil  mi  dad  na's  fhearr 
aig  ceann  na  bliadhna  na  bha  mi  aig' a  tois- 
each  ;•  is  bronach  an  aidraheil  so  ach  le 
comlinadh  Dhe  feuchaidh  mi  ri  lamh-an- 
uachdar  fhaotainn  air  m'  fhailingean  na's 
motha  'na  dheidh  so." 

Chan  'eil  am  ann  as  freagarraiche  do 
dhaoine  am  ]ieaeaidhean  aireamh  agus  am 
failingean  a  cluiiinhneacbadh  na  am  a' 
Chomana'chaidh  ;  chan  'eil  am  eile  as  freag- 
arraiche dhaibh  coimhchangal  uv  a  dliean- 
amh  ri  Dia  agus  boidean  ura  a  chur  orra 
fein  chiim  giuasacl  maille  ris  anns  na  laithean 
air  thoiseach  orra.  Oir  tha  bord  an  Tighearna 
ag  radh  ris  gach  neach  a  shuidheas  aige  ann 
an  cainnt  sholuimte,  "  Gach  neach  a  tha  ag 
ainmeachadh  ainm  Chriosd  treigeadh  e 
eucoir." 

Tha  fhios  againn  gu  bheil  e  fior  a  thaobh 
dhaoine  diadhaidh  gu  bheil  iad  a'  cuimhne- 
achadh  air  am  peacaidhean  aig  gach  am 
Comanachaidh  agus  gu  bheil  bron  'nan  cridhe 
a  chionn  gu  bheil  uiread  de  'n  pheacadh 
fhathast  annta  ;  tha  fhios  againn  gu  bheil 
cuid  de  na  leughas  an  duilleag  so  air  an 
tilgeadh  sios  agus  fo  dhiobhail  misnich  a 
chionn  nach  do  chomhlion  iad  gu  h-iomlan 
boidean  a  dh'  loc  iad  do  Dhia  aig  a  bhorcl 
cheana.  Ach  is  e  an  doigh  air  sin  a  leasach- 
adh  an  t-altair  a  thogail  as  fu\  agus  an 
coimhcheangal  ath-nuaidhacliadli  a  ris. 

Ur  gach  la 

Obair  an  naomhachaidh,  is  e  sin  obair 
nach  do  rinneadh  riamh  agus  nach  deanar 


FEIN-CHEASNACHADH 


gu  brath  ami  an  aon  latha  no  le  aon  bhuille. 
Mus  teid  obair  an  naomhachaidh  air  a 
h-aghaidh  gu  ceart  feumar  toiseachadh  ur 
a  dheanamh  gach  latha.  Cha  b'  urrainn 
eadhoh  an  t-abstol  Pol  ach  a  radh  mar  so, 
"  Chan  e  gu  'n  do  rainig  mi  cheana  no  gu 
bheil  mi  cheana  foirfe,  ach  tha  mi  a'  lean- 
tuinn.  Is  e  an  neach  a  leanas  agus  a  shineas 
e  fein  a  chum  nan  nithe  a  tha  roimhe  a 
gheibh  duals  ard-ghairme  Dhe ;  an  neach 
nach  paisg  a  lamhan  ann  an  cadal  a'^bhais 
gach  uair  a  thuiteas  'altair  agus  a  thuiteas 
e  fein  air  falbh  o  Dhia,  ach  a  ni  dian-chabhag 
gus  'altair  a  thogail  a  ris,  agus  a  philleas  ri 
Dia  chum  a  bhoidean  iocadh  as  iir. 

Ma  tha  'ur  coguis  ag  innseadh  dhuibh, 
mata,  gu  'n  deachaidh  sibh  air  seachran  o 
Dhia  agus  nach  do  choimhlion  sibh  ann  an 
obair  '-ur  beatha  na  geallaidhean  a  thug  sibh 
dha  'n  'ur  cridheachan  aig  a'  Chomanachadh 
mu  dheireadh,  gabhaibh  an  cothrom  an 
diugh  air  'ur  n-aghaidhean  a  thionndadh  as 
iir  ris  an  t-solus,  ag  iarraidh  air  Dia  gu 
h-iriosal  agus  gu  durachdach  gabhail  ri  bhur 
n-aithreachas  agus  gras  is  neart  a  thoirt 
dhuibh  anns  na  laithean  a  tha  air  thoiseach. 

Bha  an  t-Ollamh  Arnold,  maighstir-sgoil 
ainmeil,  'na  sheirbhiseach  dileas  do  Dhia  ach 
sgriobh  e  na  briathran  so  'na  leabhar-latha. 
"  Tha  iomadh  latha  de  m'  bheatha  anns  am 
bheil  mi  cho  tioram  ri  maide  ;  anns  nach  'eil 
faireachadh  air  bith  agam  air  lathaireachd 
Dhe  no  gairdeachas  'na  shlainte  ;  laithean 
anns  nach  leir  dhomh  gu  bheil  aon  lide  de 
phrionnspal  Criosdail  ann  am  inntinn." 
Theagamh  nach  robh  faireachadh  aig  an 
duine  choir  iomadh  uair  air  nithean  an 
t-saoghail  spioradail,  ach  air  a  shon  sin  cha 
robh  e  gun  phrionnspalan  Criosdail  'na 
bheatha. 

Chan  'eil  e  comasach  eadhon  do  dhaoine 
diadhaidh  a  bhi  air  a'  bheinn  daonnan,  agus 
ma  dh'fhanas  iad  oirre  cha  dean  iad  moran 
astair  gus  an  ceann-uidhe  ;  bidh  iad  air  am 
fagail  air  dheireadh  leis  na  h-eilthirich  a  tha 
ag  imeachd  gu  dubhach  (ach  gu  dileas  is  sior- 
leantuinneach)  air  a'  chomhnard,  gun  oran 
■'nan  cridhe  no  air  am  bilean. 

Chan  ann  air  ar  faireachduinnean  a  tha 
Dia  a'  sealltainn  ach  air  ar  gniomharan  ;  ma 
tha  ar  gniomharan  ceart  'na  shililean-san 
agus  ar  gluasad  maille  ris  iriosal,  cha  diult 
e  ar  dilseachd  aideachadh  a  chionn  nach  'eil 
ar  faireachduinnean  cho  beo  no  cho  solasach 
's  a  bu  mhaith  leinn  fein  iad  a  bhith  ;  agus 
air  an  laimh  eile,  mur  bheil  ar  gniomharan 
ceart,  no  ma  tha  sinn  a'  tighinn  beo  do  'n 
t-saoghal  agus  o  'n  pheacadh  cha  ghabh 
Dia  an  lethsgeul      uainn  gu  bheil  smuaintean 


crabhach   is   faireachduinnean   diadhaidh   a' 
gluasad  'n  ar  cridheachan  an  drasd  's  a  ris. 

Is  e  an  neach  a  tha  taitneach  do  Dhia  an 
neach  a  ni  a  thoil  anns  an  latha  dhorcha  cho 
cinnteach  's  a  ni  e  i  anns  an  latha  ghrianach  ; 
an  neach  a  chumas  'aghaidh  air  Sion  an  uair 
nach  'eil  oran  'na  chridhe  no  faireachduinn 
aige  gur  maith  is  gur  mills  Dia. 

Tha  moran  dhaoine  ann  a  tha  'nam  f ior 
dhaoine  diadhaidh  nach  urrainn  a  radh  le 
firinn  gu  'n  d'  fhairich  iad  riamh  annta  fein 
faireachduinnean  a  tha  iad  a'  leughadh  ann 
an  litrichean  Phoil,  no  Eoin,  no  ann  an  sgriobh- 
aidhean  nan  naomh,  ach  na  cuireadh  sin 
eagal  no  iomgain  orra,  ma  tha  an  coguis  ag 
innseadh  dhaibh  gu  bheil  spiorad  Chriosd  aii- 
an  giiilan  agus  gu  bheil  iad  a'  deanamh  a 
thoile  'nam  beatha  cho  maith  's  is  urrainn 
dhaibh.  Thubhairt  an  Slanuighear,  "  Chan 
e  iadsan  a  their,  A  Thighearn,  a  Thighearn, 
a  theid  a  steach  do  rioghachd  neimh  ach 
iadsan  a  ni  toil  m'  Athar  a  tha  air  neamh." 
Thubhairt  e  mar  an  ceudna  gur  ann  air  an 
toradh  a  dh'  aithnichear  a  dheisciobuil  agus 
nach  ann  idir  air  am  faireachduinnean.  A 
thaobh  am  faireachduinnean  is  e  an  aon 
cheist  a  chuif  e  riamh  orra,  a'  cheist  a  chuir 
e  air  Peadar',  "  An  toigh  leat  mise."  . 

Tha  e  a'  cur  na  ceiste  ceudna  oirrne,  agus 
is  e  iadsan  as  urrainn  a  radh  gu  h-onorach 
mar  a  thubhairt  Simon. '  "A  Thighearna 
d'  an  aithne  na  h-uile  nithean  tha  fhios  agad 
gur  toigh  leam  thu," — is  e  iadsan  a  mhain 
a  tha  air  an  gairm  a  dh'  ionnsaigh  a  bhiiird. 
Sin,  ma  ta,  aon  de  chomharraidhean  na 
diadhaidheachd,  gu  bheU  gradh  againn  do 
Chriosd  agus  gu  bheil  ar  cridheachan  a' 
tionndadh  ris  le  ionndrainn  agus  baigh  mar 
a  thionndas  na  fliiraichean  ris  a'  ghrein. 

Ach  do  bhrigh  gu  bheil  an  gradh  so  tarbh- 
ach  is  buadhmhor  ge  b'e  aite  am  bheil  e, 
bu  choir  dhuinn  sinn  fein  a  cheasnachadh 
agus  fheoraich  de  ar  coguisean  an  diugh  an 
do  thilg  e  a  mach  asainn  chan  e  mhain  eagal 
ach  nithean  as  miosa  na  eadhon  eagal,  ana- 
mianna  na  feola,  mi-run,  sannt,  farmad, 
fearg,  agus  an-tograidhean  eile  nach  'eil  a 
reir  spiorad  Chriosd. 

Gu  neo-iomchuidh 

Tha  an  t-abstol  a'  labhairt  mu  dhaoine  a 
dh'  itheas  an  t-aran  naomh  agus  a  dh'  olas 
an  ciipan  naomh  gu  neo-iomchuidh,  agus  ag 
radh  gu  bheil  iad  sin  ciontach  de  chorp  agus 
de  fhuil  an  Tighearna.  An  e  a  tha  e  a' 
ciaUachadh  nach  'eil  e  ceart  do  dhuine 
suidhe  aig  bord  an  Tighearna  mur  bheil  e 
sonruichte  maith  os  cionn  dhaoine  eile  ;  mur 


FEIN-CHEASNACHADH— ANNS  A'  CHATHAIR 


bheil  e  ceart  'na  uile  shlighean  agus  naomli 
'na  uile  ghniomharan  ?  Chan  e  idir  ;  is  e 
Dia  a  mhain  a  tha  ceart  'na  uile  shlighean 
agus  naomh  'na  uile  ghniomharan  ;  air 
bhonn  a  mhaitheis  no  a.  naomhachd  fein 
cha  ghabh  duine  bed  a  bhi  air  fhireanachadh. 
Air  bhonn  a. naomhachd  fein  chan  'eil  agus 
cha  robh  duine  riamh  iomchuidh  no  airidh 
air  suidhe  aig  bord  an  Tighearna,  oir  mar 
tha  an  naomh  A  Kempis  ag  radh,  "  Ged 
bhiodh  tu  cho  naomh  ri  aingeal  agus  cho 
gradhach  ri  Eoin  cha  bhiodh  tu  airidh  air  an 
t-sacramaid  so."  Ach  tha  eadar  dhealachadh 
mor  eadar  a  bhi  iomchuidh  oirre,  agus  a 
gabhail  gu  h-iomchuidh.  Tha  iadsan  a  thig 
gu  bord  an  Tighearna  anns  an  spiorad  cheart 
a'  gabhail  na  sacramaid  gu  h-iomchuidh, 
agus  tha  iadsVin  a  thig  thuige  anns  an  spiorad 
chearr  'g  a  gabhail  gu  neo-iomchuidh.  Agus 
is  e  an   spiorad  ceart,   tighinn  gu  bord  an 


Tighearna  gu  h-aithreachail  agus  gu  h-iriosal, 
a'  cuimhneachadh  air  ar  peacaidhean  agus  le 
dochas  is  creideamh  ag  iarraidh  maitheanais 
as  iir  tre  bhas  losa  Criosd  air  a'  chrann- 
cheusaidh. 

Tha  Satan  a'  deanamh  oidhirp  gun  sgur 
air  ar  peacaidhean  a  chur  as  ar  cuimhne,  oir 
tha  fhios  aige  ma  leigear  air  di-chuimhne  iad 
nach  gluaisear  sinn  gu  aithreachas  no  gu 
trocair  iarraidh.  Mar  sin  tha  e  feumail 
dhuinn  daonnan,  ach  feumail  gu  sonruichte 
aig  gach  am  Comanachaidh,  sinn  fein  a 
cheasnachadh  agus  ar  lochdan  a  chuimhne- 
achadh,  agus  an  iirnuigh  so  a  chur  suas  ri 
Dia  :  "A  DM,  dean  trocair  ormsa  a  tha  am 
pheacach.  Glan  mi  ann  am  fuil  luachmhor  do 
Mhic,  losa  Criosd  mo  Shlanuighear,  agus  ath- 
nuadhaich  mi  le  do  Spiorad  Naomh,  a  churn 
agus  gu'n  tig  m,i  a  dh'  ionnsuidh  t-altair  le 
creideamh  is  gairdeachas. 


Anns  a'  Chathair 


CHUALA  mi  iomadh  searmon  mu  na  mucan 
a  bha  air  am  bathadh  no  air  an  tacadh  (Marc 
v.),  ach  cha  chuala  mi  riamh  searmon  umpa 
nach  d'  fhag  an  gnothuch  na  bu  mhiosa  na 
tha  na  soisgeulan  fein  'g  a  fhagail.  Saoilidh 
mi  nach  h-urrainn  duine  air  bith  an  naidhe- 
achd  so  a  leughadh  gun  fhaicinn  gu'n  deach- 
aidh  amladh  air  chor-eigin  innte  anns  an 
innseadh. 

Cha  mhor  dhaoine  as  urrainn  naidheachd 
innseadh  gun  char  beag  a  chur  innte  seach 
mar  chual  iad  i,  agus  tha  e  gle  shoilleir  gu'n 
deachaidh  car  cearr  a  chur  ann  am  pairt  de'n 
naidheachd  so,  c6  air  bith  a  chuir  innte  an 
toiseach  e.  Tha  dreach  na  firinn  air  cuid 
de'n  naidheachd,  ach  tha  e  duilich  a  chreid- 
sinn  gur  e  Criosd  a  bu  cjioireach  gu'n  deach- 
aidh na  mucan  a  bhathadh.  Chan'eil 
teagamh  nach  rachadh  aige  air  deamhain 
a  chur  ann  am  mucan  cho  maith  's  a  rachadh 
aige  air  an  cur  a  mach  a  daoine,  agus  na'm 
bu  leis  fhein  na  mucan  dh'  fhaodadh  e  a 
thoil  a  dheanamh  riii.  Ach  cha  bu  leis  fein 
na  mucan  idir  ;  bhuineadh  iad  do  dhaoine 
eile,  agus  ma  thachair  an  rud  mar  a  tha  an 
naidheachd  air  a  h-innseadh,  dh'  fhuiling 
na  daoine  sin  call. 

Chan  'eil  fhios  agam-sa  ciod  a  b'  fhiach 
muc  anns  na  laithean  ud,  ach  co  dhiu  b' 
fhiach  da  mhile  muc  suim  mhaith  airgid 
(eadhon  ged  bhiodh  iad  cho  caol  ris  a'  mhuic 
a  bha  aig  Calum),  agus  saoilidh  mi  nach 
tugadh  Criosd  lom-sgrios  air  duine  air  bith 
'na  cheart  deoin.  Tha  a'  chuid  so  de'n 
naidheachd  a'  toirt  oilbheum  do'n  choguis 
nadurra,  oir  tha  e  duilich  a  chreidsinn  gu'n 


do  rinn  Criosd  cron  air  duine  eile  riamh  no 
rud  nach  robh  ceart. 

Deisciobul  gun  ainm 

Ach  a  dh'  innseadh  gu'n  deachaidh  amladh 
a  chur  anns  an  naidheachd  ann  an  seanchas 
no  ann  am  beul-aithris  nan  abstol,  so  mar 
tha  fear  de  na  bha  a  lathair  an  la  ud  ag  inn- 
seadh mu'n  rud  a  thachair,  fear  a  bha  'n  a 
chompanach  aig  Criosd  agus  a  chum  cuimhne 
air  iomadh  rud  a  dhichuimhich  each. 

"  Tha  e  furasda  gu  leoir  a  thuigsinn,  ars 
esan,  ciamar  a  chaidh  Marcus  cearr  anns  an 
naidheachd,  oir  cha  robh  ann  ach  balach  aig 
an  am,  agus  b'  ann  o  Pheadar  a  fhuair  e  fios 
air  na  nithean  a  sgriobh  e.  Bha  Peadar  ann 
gun  teagamh,  ach  bha  e  'n  a  fhuil  agus  'n  a 
fhallus  a'  farming  nan  geolachan,  agus  cha 
d'  thug  e  an  aire  ciod  a  bha  tachairt  gus  an 
cual  e  daoine  a'  glaodhach  agus  am  faca  e 
na  mucan  a'  dol  sios  an  coinneamh  an  cinn 
do'n  fhairge. 

Chan  fhaca  e  an  duine  a  bha  air  a'  chuthach 
gus  an  robh  na  mucan  air  am  bathadh.  Ach 
chual  e  na  deisciobuil  eile  a'  bruidhinn  mu'n 
rud  a  thachair.  B'e  sin  doigh  Pheadair 
daonnan;  chreideadh  e  a  h-uile  rud  a  chluinn- 
eadh  e  gun  fheoraich  dheth  fein  co  dhiii  a 
bha  coslas  na  firinn  air  no. nach  robh.  Ma 
bu  toigh  le  Peadar  an  duine  a  bha  bruidhinn 
ris  chreideadh  e  rud  air  bith  a  theireadh  e  ris, 
ach  cha  chreideach  e  aon  fhacal  a  thigeadh 
a-,beul  nam  Pharasach,  a  chionn  nach  bu 
toigh  leis  iad.  Bha  Peadar  cho  cinnteach 
as  fhein  's  nach  gabhadh  e  tiine  gus  cviisean 
a  rannsachadh  mar  bu  choir,  agus  b'  e  sin 


ANNS  A'  CHATHAIPv 


an  t-aobhar  gu  robH'  e  uairean  a'  dol  air 
seachran.  Ach  air  a  shon  sin  bha  e  'na 
dhuine  firinneach  agus  bha  cridhe  blath 
aige.  Tha  Peadar  agus  Marcjis  a  nis  marbh, 
agus  faodaidh  mise  an  naidheachd  innseadh 
as  iir  facal  air  an  fhacal  mar  a  thachair." 

Am  measg  rian  aitean-adhlaic 

"  Bha  an  la  a'  briseadh  an  uair  9,  rainig 
sinn  tir,  agus  lean  mise  losa  suas  o'n  chladach. 
Dh'  fhan  Peadar  agus  na  h-iasgairean  eile  a 
tharruing  nan  geolachan,  agus  leig  a'  chuid 
mhor  de'n  t-sluagh  a  thainig  leinn  'n  an  sin- 
eadh  air  an  fheur  'n  an  cadal.  An  uair  a 
dhkich  sinn  os  cionn  an  rudha  bu  leir  dhomh 
anns  a'  ghlomanaich  trend  mhuc  ag  ional- 
tradh.  A  reir  choslais  bha  an  t-acras  orra  oir 
bha  iad  a'  gearradh  roimh  cheile  an  uair  a 
chitheadh  iad  torn  maith  feqir,  agus  a  leithid 
de  ghnomhail  agus  de  sgreuchail  agus  de 
thapaid  's  a  bha  na  creutairean  grannda  a' 
deanamh  cha  chuala  tusa  riamh. 

Sheas  losa  greis  bheag  a'  sealltuinn  orra 
gu  diir,  agus  fiamh  gaire  air  'aodann.  Beum- 
aidh  e  bhith  gu'm  bu  leir  dha  an  smuain  a  bha 
'n  am  chridhe-sa,  oir  thionndaidh  e  gu  grad 
agus  thuirt  e  rium,  "  Chan  'eil  iad  neoghlan  ; 
Car  son  a  theireamaid  gu  bheil,  nach  e  lamh 
Dhe  a  rinn  iad!  " 

Anns  a'  mhionaid  sin  fhein  thainig  duine 
air  ar  ciilaibh  agus  thubhaht  e  ri  losa,  "  A 
MJiaighstir,  chan  'eil  e  sabhailte  dhuit  seas- 
amh  an  so,  oir  tha  fear  anns  a  bheil  deamhain 
am  measg  nan  aitean-adhlaic." 

"  Ciamar  a  tha  fhios  agad  gu  bheil 
deamhain  ann  ?  "  ars  losa. 

"  Ciod  eile,"  ars  esan,  "  a  bheneadh  air 
f  heoil  a  reubadh  ;  cha  ghabh  e  ceannsachadh 
leis  a'  chuthach  a  tha  air." 

"  An  d'  fheuch  duine  air  bith  ri  ciall  a 
chur  air  ?  "  dh'  fheoraich  losa. 

"  Dh'  fheuch,  ach  ma  dh'  fheuch,  dh' 
fhairtlich  e  orra.  Chunnaic  mi  fhein  e 
a'  briseadh  na  slabhraidh  leis  an  ■  do 
cheangladh  e  mar  gu'm  briseadh  tu  gas 
feoir,  agus  theich  e  do'n  fhasach  is  cobhan- 
ach  mu  bheul  mar  gu'm  biodh  cii.  Cha  leig 
an  t-eagal  le  daoine  dol  seachad  air  an  aite 
far  am  bheil  e." 

"  An  d'  fheuch  sibh  doigh  sam  bith  eile  ah 
a  chiallaohadh  ach  le  slabhraidh  'i  "  ars  losa 
ris. 

"  Cha  d'  fheuch,"  ars  an  duine,  "  ciod  an 
doigh  eile  a  b'  urrainn  dhuinn  fheuchainn  ?  " 

"  Tha  doigh  eile  ann,"  ars  losa,  "  doigh 
m'  Athar-sa.  Rachamaid  agus  feuchamaid 
an  doigh  sin  air  an  fhear  a  tha  anns  an 
aite-adhlaic  so." 


An  duine  as  a  chiall 

An  uair  a  chual  an  duine  ris  an  robh  e  a' 
bruidhinn  so,  dh'  fhas  e  ban  anns  an  aodann 
agus  chaidh  e  air  chrith,  oir  ghabh  e  an 
t-eagal.  Chaidh  e  ceum  air  ais  mar  gu'm 
biodh  e  air  son  teicheadh.  An  uair  a  chunnaic 
mise  so,  thuirt  mi  ri  losa,  "  Theid  mise  gu 
toileach  maille  riut  ma  ghabhas  tu  mi."  A 
reir  choslais  chuir  so  sprachd  ann  an  each, 
oir  an  ceann  tacain  bhig  thoisich  iad  air 
ar  leantuinn. 

Cho  luath  's  a  rainig  sinn  an  t-aite  faicear 
aogasg  uamhasach  duine  a'  ruith  'g  'ar  n- 
ionnsuidh,  a'  ranaich  mar  gu'm  biodh  beath- 
ach,  agus  da  chloich  gheur  aige  'n  a  laimh  leis 
an  robh  e  a'  gearradh  fheola.  Bha  a'  bhodhig 
riiisgte  dearg  le  full.  Chuir  cdslas  an  duine 
eagal  air  an  fheadhainn  a  lean  sinn,  agus 
theich  iad  cho  luath  's  a  bheireadh  an  casan 
an  falbh  iad.  Ach  sheas  losa  a  larach  gun 
f hiamh  gun  eagal.  Bha  mise  'g  am  fhaotainn 
fhein  deas  gus  seasamh  eadar  losa  agus  an 
duine  cuthaichte,  oir  bha  eagal  orta  gu'n 
leumadh  e  air  muin  losa,  ach  cha  ruiginn  a 
leas.  Thilg  an  duine  na  clachan  as  a  lamh- 
an  ;  chrom  e  e  fein  ris  an  lar  agus  le  guth  a 
rainig  mo  chridhe  thuirt  e  ri  losa,  "0!  na 
h-abair  gu'n  tainig  tu  'g  am  phianadh  na  's . 
mo,  a  Mhic  an  Ti  as  ahde !  " 

"  Ciod  is  ainm  dhuit,"  thuirt  losa  ris. 

"  Is  e  Legion  m'  ainm,"  ai^s  esan,  "  oir  tha 
moran  annam." 

''  Car  son  a  tha  thu  ag  radh  gu  bheil 
deamhain  annad  ?  "    fhreagair  losa. 

"  Chan  e  mise  a  thubhairt  e,"  ars  an 
duine,  "  ach  thuirt  an  fheadhainn  a  cheangail 
mi  le  slabhraidhean,  agus  a  phian  mi,  gu  robh 
deamhain  annam.  Agus  pianaidh  iad  mi  a 
ris  ma  gheibh  iad  greim  orm.'-' 

"  Chan  eirich  beud  dhuit,"  ars  losa  ris, 
"  na  biodh  eagal  idir  ort  ;  cha  ruig  thu  leas 
t'  aodach  a  shracadh,  no  ranaich  a  dheanamh, 
no  t'  f  heoil  a  ghearradh,  oir  cha  bhean  duine 
riut.  Creid  thusa  mi  fhein  agus  gabh  mis- 
neach." 

"  Bha  eagal  orm  romhpa,"  ars  esan,  bha 
iadsan  ann  moran  agus  mise  'n  am  aonar  ; 
an  uair  a  bhrisimi  na  cuibhrichean  leis  an 
robh  iad  'g  am  cheangal  bhiodh  eagal  a  bu 
mhotha  orm  romhpa,  agus  cha  b'  urrainn  mi 
gun  bhi  a'  teicheadh." 

"  /s  e  spiorad  neoghlan  a  tha  anns  an 
eagal,"  fhreagair  losa,  "  tilg  a  mach  as  do 
chridhe  e." 

"  Tilgidh,"  ars  an  duine  gu  ciuin. 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Caomhalachd  losa 

An  sin  chuir  Ipsa  mu  ghuaillean  an  duine 
an  cleoca  aige  fhein,  agus  chaidh  e  leis  gu 
oisean  anns  an  aite-adhlaic  gus  an  fhuil  agus 
an  salchar  a  nigheadh  dheth.  Fad  na  h-iiine 
a  bha  losa  a'  bruidhinn  ris  an  duine  agus  a' 
cur  ceille  air,  bha  buachaillean  nam  muc 
agus  grunnan  eile  de  dhaoine  'n  an  seasamh 
a'  feitheamh  agus  ag  eisdeachd,  ach  an  uair 
a  chaidh  losa  a  leth-taobh  a  nigheadh  na  fala 
dheth,  chuimhnich  na  buachaillean  air  na 
mucan  agus  bha  iad  an-  bheul  tilleadh  'g  an 
ionnsuidh  an  uair  a  ghlaoidh  duine  air  chor- 
eigin  "  Seallaibh  na  mucan,  seallaibh  na 
mucan !  " 

Bha  na  mucan  ag  ionaltradh  air  ok  nan 
stallachan  air  an  rudha,  agus  na'n  do  leig- 
eadh  leo  bhiodh  iad  ceart  gu  leoir,  ach  a 
cheart  cho  luath  's  a  chuala  daoine  an  giaodh 
"  Seallaibh  na  mucan,  seallaibh  na  mucan  !  " 
chaidh  a  h-uile  duine  riamh  'n  am  breislich 
agus  thoisich  iad  air  glaodhach  agus  air  ruith, 
cuid  a'  deanamh  sud  is  cuid  a'  deanamh  so, 
cuid  a'  dol  air  thoiseach  air  na  mucan  is 
cuid  a'  dol  air  an  cul,  cuid  a'  feuchainn  r'an 
coinneachadh  is  'cuid  a'  feuchainn  r'an 
iomain,  gus  mu  dheireadh  an  deachaidh  na 
mucan  bharr  an  siuU  agus  an  do  ghabh  an 
treud  uile  an  galair-teichidh,  agus  sud  sios 
leis  na  stallachan  iad !    .    ' 

A  leithid  le  chonnsachadh  agus  de  chriom- 
chur  's  a  thoisich  an  sin  cha  chuala  raise 
riamh,  an  dara  fear  a'  cur  na  coire  air  an 
fhear  eile,  agus  iad  uile  a'  trod  ri  stalcaire 
a'  ruith  air  an  taobh  chearr  de'n  t-sreud  agus 
e  a'  glaodhach  Gius  Gius  aird  a  chinn. 


Spiorad_^ne6ghlan 

An  uair  a  dh'  innis  iad  do  losa  mar  a 
thachair  do  na  mucan  thuirt  e  riu,  "  Is  e 
an  t-eagal  a  chuir  an  cuthach  orra,  a'  cheart 
spiorad  neoghlan  a  bha  anns  an  duine  bhochd 
a  bha  anns  na  h-aitean-adhlaic." 

Ach  cha  do  thuig  na  daoine  ris  an  robh  e 
a'  bruidhinn  ciod  a  bha  e  a'  ciallachadh. 
Sliaoil  iad  gu'n  d'thubhairt  e  gu'n  deachaidh 
'  na  deamhain  a  bha  anns  an  duine  a  steach 
anns  na  mucan.  Ach  thuig  mise  gle  mhaith 
nach  e  sin  a  bha  losa  a'  ciallachadh  idir  ach 
gu  robh  e  'g  an  cur  'n  an  earalas  nach  robh 
feum  san  bith  ann  dhaibh  a  bhi  a'  smuain 
eachadh  gu'n  deanadh  iad  obair  Dhe  anns 
an  t-saoghal  le  bhi  a'  cur  eagail  ak  daoine. 
Chan  'eil  anns  an  eagal  acl^  spiorad  suarrach 
is  spiorad  neoghlan." 

Ach  ged  nach  do  thuig  a'  mhor-chuideachd 
ciod  a  bha  losa  a'  ciallachadh,  agus  a  thog 
cuid  dhiubh  cearr  an  rud  a  thuirt  e  ris  na 
buachaillean  mu  na  mucan,  air  chor  agus 
gu'n  deachaidh  an  naidheachd  air  feadh  an 
t-saoghail  uile  gu'n  do  chuir  e  deamhain  ann 
am  mucan  nan  Gadarach  eile,  cha  do  thog 
Eoin  gaolach  cearr  e. 

Thuig  esan  ciod  a  bha  ann  an  inntinn  a 
Mhaighstir,  agus  ciod  iad  na  deamhain  a 
bha  anns  an  amharc  aige  an  la  ud.  Co  dhiii 
thainig  an  smuain  sin  'n  am  ihntihri  an 
nochd  fhein  an  uair  a  bha  mi  a'  leughadh 
nam  briathran  so  ann  an  te  d'a  litrichean, — 
Chan  'eil  eagal  ann  an  gradh,  ach  tilgidh 
gradh  coimhlionta  a  mach  eagal,  do  hhrigh 
gu  bheil  pianadh  anns  an  eagal. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


A  BHEIL  clach-mhile  air  bith  ann  am 
beatha  duine,  no  bliadhna  shonruichte  m' 
am  faodar  a  radh  gur  e  so  a'  chlach-chriche 
eadar  an  aois  agus  an  oige  ?  Ciod  an  t-ani 
ann  am  beatha  duine  anns  an  toisich  an 
saoghal  air  a  radh  nach  'eil  ann  ach  seann 
duine  ? 

Thubhairt  R.  L.  Stevenson  gur  e  coig 
bliadhna  fichead  ceann-deiridh  na  h-6ige, 
ach  cha  ruigear  a  leas  esan  a  ghabhail  ann 
an  da-rireadh,  ok  bhiodh  e  ag  radh  iomadh 
rud  ris  nach  b'  urrainn  e  seasamh  an  deidh 
laimhe,  agus  nach  bu  mhaith  leis  gu  'n  gabhadh 
daoine  gu  htireil  e.  Bha  spiorad  na  h-6ige  agus 
aotrumas  a'  bhalaich  'n  a  chridhe  fhein  gus 
an  d'  fhag  an  anail  e.  Ach  cha  robh  e  ach 
da  fhichead  's  a  ceithir  an  uair  a  shiubhail  e. 

Thubhairt  lighiche  ainmeil  uair-eigin  gu  'm 
fas  daoine  glic  na  's  glice  an  uair  a  tlieid  iad 


thairis  air  dcich  bliadhna  fichead,  ach  gur 
h-annamh  a  dh'  fhasas  daoine  gorach  giic  aa 
uau'  a  theid  iad  seachad  air  an  aois  sin. 
Tha  e  coltach  gu  'n  robh  an  lighiche  ud  de 
'n  bheachd  gu  bheil  deich  bliadhna  fichead 
'n  a  gharradh-criche  ann  am  beatha  dhaoine. 
B'  e  sm  an  aois  aig  an  robh  na  Lebhithich 
a'  toiseachadh  air  frithealadh  do  Dhia  anns 
an  teampull,  agus  dh'  fheumadh  iad  sgur  an 
uair  a  ruigeadh  iad  leth-cheud  bliadhna. 

B'  e  sin  an  aois  a  bha  Criosd  an  uair  a 
thoisich  e  air  rioghachd  Dhe  a  chur  air  chois, 
agus  air  deisciobuil  a  ghairm,  a  thogadli  air 
an  steidh  a  leag  e.  Ach  saoilidh  comhthion- 
ailean  an  diugh  gu  bheil  ministear  ro  6g  aig 
deich  air  fhichead. 

Bha  Iain  Wesley  coig  deug  air  fhichead 
m'  an  do  thoisich  e  air  searmonachadh  a 
mach  air  a'  bhlar,  air  achaidhean  agus  air 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


sraidean.  Feumaidh  gu  robh  Dante,  am 
bard  mor  Eadailteach,  de  'n  bheachd  gu 
bheil  corp  agus  inntinn  nihic  an  duine  aig 
an  ire  as  airde  eadar  30  agus  35,  oir  tha  e 
ag  radh  gu  'n  do  roghnaich  ar  Slanuighear 
naomh  agus  iomlan  basachadh  aig  an  aois 
sin,  a  chionn  nach  robh  e  freagarrach  gu  'm 
faicteadh  tigh-talmaidh  na  Diadhachd  a'  dol 
air  ais. 

Ro  shean  aig  da  fhichead 
Sgriobh  lighiche  ainmeil  eile.  Sir  Uilleam 
Broad  bent,  gu  caraid  mar  so,  "  Is  e  an  diugh 
co-ainm  mo  la-breith.  Tha  mi  da  fhichead  ; 
cha  gabh  e  a  cheiltinn  tuilleadh  gu  'n  do 
chaochail  maduinn  m'  oige  agus  gu  bheil  a' 
chuid  as  fhearr  de  m'  bheatha  seachad.  An 
uair  a  ruigeas  duine  da  fhichead  cha  ruig  e 
a  leas  toiseachadh  air  obair  ur  as  fhiach." 

Och,  och  ;    cha  bu  mhaith  gu  'm  b'  fhior! 

Chan  e  mhain  gu  bheil  iomadh  duine  a' 
toiseachadh  air  obair  no  ionnsachadh  iir  an 
deidh  dhaibh  a  bhi  da  fhichead,  ach  ,tha  iad 
'g  a  criochnachadh  ;  a'  cliathadh  a'  ghruinnd 
a  threabh  iad.  Aig  leth-cheud  cha  do  thoisich 
Gladstone  air  obair  mhor  a  bheatha. 

An  uair  a  bha  an  duine  abhacach  a  sgriobh 
"  Alais  ann  an  Tir  nan  ionghnaidhean,"  da 
fhichead  's  a  h-aon  deug  thuirt  e  nach  robh 
e  'g  a  fhaireachdainn  fein  na  bu  shine  na 
bliadhna  air  fhichead.  Sgriobh  Tomas  Huxley 
gu  caraid,  "  Tha  mi  a  nis  tri  bliadhna  os 
cionn  leth-cheud,  ach  ciod  a  tha  an  sin  ach 
an  fhior  oige.  Cha  robh  mo  chorp  riamh  cho 
maith  's  a  tha  e,  agus  o  chionn  bliadhna 
chuir  mi  tuilleadh  oibre  as  mo  dheidh  na 
rinn  mi  riamh  roimhe.  Chan  'eil  thusa  ach 
da  fhichead  fhathast  ;  ciod  a  tha  annad, 
ma  ta,  ach  am  balach  ;  tha  an  saoghal  air 
thoiseach  ort." 

Baird  agus  luchd-lagha 

Gle  bhitheanta  tha  na  baird  a'  basachadh 
6g.  Ciod  is  ciall  da  so  chan  urrainn  mi  a 
radh,  mur  e,  gur  toigh  le  Dia  na  baird  agus 
gu  bheil  e  'g  an  toirt  dhachaidh  roimh  chach. 
Tha  an  seann  fhacal  ag  radh,  "  ladsan  is 
ionmhuiniii*  leis  na  diathan  siubhlaidh  iad 
6g."  Air  an  lairah  eile  tha  luchd-lagha  gle 
bhitheanta  a'  faotainn  saoghal  fada,  agus 
theagamh  gu'n  abair  droch  dhaoine  nach 
'eil  ann  an  sin  ach  an  taobh  eile  de'n  fhacal 
ud. 

Bha  am  Morair  dearg  Eldon  ceithir  fichead 
's  a  sia  an  uair  a  shiubhail  e  ;  am  Morair 
Brougham  ceithir  fichead  's  a  deich  ;  am 
Morair  Lyndhurst  ceithir  fichead  's  a  dha 
dheug.  An  oidhche  a  bha  e  ceithir  fichead 
's  a  deich  thug  Lyndhurst  seachad  oraid 
chomasach  ann  an  Tigh  nam  Morairean  ;   bha 


a  mheomhair  cho  maith  's  a  bha  i  riamh. 
An  uair  a  shiubhail  e  bha  am  Morair  Hals- 
bury,  a'  streap  ris  a  cheud. 

Ann  an  laithean  an  t-seann  Tiomnaidh  is 
ann  do'n  fhirean  a  bha  beatha  fhada  air  a 
gealltainn,  ach  thogadh  e  connsachadh  am 
measg  ar  luchd-leughaidh  na'n  cuireamaid 
a'  cheist  orra,  "  An  e  fireanan  a  tha  anns 
an  luchd-lagha."     Mar  sin,  leigidh  sinn  leo. 

Bha  na  seann  daoine  a'  cunntas  tri  fichead 
's  a  tri  'n  a  am  cunnartach  ann  am  beatha 
duine.  Tha  e  air  a  radh  gu  bheil  bodhig 
mhic  an  duine  ag  atharrachadh  a  h-uile 
seachd  bliadhna,  agus  gur  e  an  naoieamh 
uair  am  cunnartach  ;  gu'm  mill  no  gu'm 
maithich  an  t-atharrachadh  sin  an  corp  gu 
buUeach.  Co  dhiu  a  tha  sin  fior  no  nach 
'eil  thainig  am  bas  air  moran  d'  dhaoine 
ainmeil  'n  an  tri  is  tri  fichead  ;  sin  an  aois 
a  bha  na  diadhatrean  mora,  TertuUian,  agus 
Luther,  agus  Melancthon  an  uair  a  shiubhail 
iad. 

Feasgar  fann  foghair 

Ann  am  feasgar  ar  laithean  tha  na  bliadh- 
nachan  a'  dol  seachad  na's  luaithe  na  chaidh 
iad  seachad  ann  am  maduinn  ait  na  h-oige. 
Tha  iad  mar  chloich  a'  dol  le  gleann,  tha 
Nollaig  is  Caisg  a'  tighinn  oirnn  na's  cabhag- 
aiche  na  b'  abhaist  dhaibh.  Bha  uair  ann  a 
bha  fichead  mios  eadar  co-ainm  mo  la-breith 
an  uiridh  agus  am  bliadhna,  ach  an  diugh 
chan  'eil  ann  ach  sia.  Tha  na  miosachan  a' 
dol  seachad  cho  luath  ri  gaoth  luath  a' 
Mhairt.  Gu'n  teagaisgeadh  spiorad  glic  an 
Tighearna  dhomhsa  agus  dhuit  fein,  a  leugh- 
adair,  ar  n-iiine  a  chur  gu  bull  mhaith  agus 
a  bhi  curamach  mu  na  laithean  a  tha  dol 
seachad  cho  luath,  los  nach  teid  iad  a 
dholaidh. 

A  dh'  aindeoin  a'  chosduis  a  tha  Bord  na 
Slainte  a'  cur  air  an  rioghachd  agus  a  dh' 
aindeoin  sgil  agus  eolas  lighichean  (feadhainn 
nam  botul  agus  feadhainn  na  sgine),  agus  a 
dh'  aindeoin  gu  bheil  biadh  agus  tighean  na 
's  fhearr  aig  an  t-sluagh  na  bha  aca  anns  na 
seann  laithean,  agus  na  's  lugha  a  dh'  obair, 
tha  mi  an  dtiil  nach  'eil  miighadh  a'  tighinn 
air  aireamh  ar  bliadhnachan  air  thalamh  as 
fhiach  a  bhi  a'  bruidhinn  air.  Faodaidh  e 
bhith  gu  'n  do  chuir  mac  an  duine  an  namh- 
aid  dheireannach  air  ais  leth  an  oirlich  ach 
sin  uHe  e,  agus  tha  cho  beag  de  dhaoine  a' 
ruighinn  ceithir  fichead,  no  ceithir  fichead  's 
a  deich,  no  ceud  bliadhna,  's  a  bha  ann 
riamh.  Ach  cha  rud  so  a  leigear  a  leas  a  bhi 
ttirsach  air  a  shon,  oir  am  measg  uile  throc- 
airean  Dhe  chan  'eil  gin  idir  cho  neo-  • 
mhiannaichte   ri   saoghal  fada.      Cha   mhor 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


fhior  sheann  daoine  a  b'  aithne  dhomh 
riamh  nach  biodh  a'  guidhe  gu  'n  toireadh 
Dia  an  siubhal  dhaibh  gu  luath  ann  an  sith. 
Agus  cha  mhor  sheann  daoine  air  a  bheil 
eagal  a'  bhais. 

Gle  thric  tha  e  a'  tachairt  gu  bheil  daoine 
a  bha  anfhann  'n  an  leanaban  agus  'n  an 
oige  a'  ruighinn  aois  mhor.  Ma  dh'fhaoidte 
gu  'n  do  theagaisg  an  anfhannachd  dhaibh  a 
bhi  curamach  agus  stuahia  am  biadh  agus 
^n  deoch,  agus  an  doighean  eile.  B'fhior 
ged  bu  gharbh  am  facal  a  thoirt  an  t-Ollamh 
Alasdair  Whyte  ri  class  a  bha  aige  de 
mhnathan-uaisle  Dhiin-eideanri  ;  "  tha  sibh," 
ars  esan,  "  a'  cladhach  'ur  n-uaighean  fhein 
le  'ur  fiaclan."  Na  'n  robh  daoine  stuama 
'n  an  itheadh  agus  'n  an  61  bhiodh  an  dara 
leth  de  dhotairean  na  dilthcha  gun  obair. 

Bha  Sir  Isaac  Newton  'n  a  leanabh  oho 
beag  agus  cho  truagh  aji  uair  a  rugadh  e 
(cha  robh  ach  mu  thri  puinnd  ann)  's  gu  'n 
do  chuir  a'  bhean-ghliiine  e  ann  an  crogan 
beag  ri  taobh  an  teine,  air  a  shuaineadh  ann 
an  cloimh-chotain,  a  dh'  fheuchainn  am 
fanadh  e  beo.  Dh'  fhan  an  anail  ann  gus 
an  robh  e  ceithir  fichead  's  a  coig.  Na'n 
robh  maithean  na  h-inntinn  agus  prionns- 
achan  an  eolais  troimh  na  linntean  uile  air 
an  cruinneachadh  ann  an  aon  aite,  agus  air 
an  cur  'n  an  sreath,  tha  mi  an  dtiii-  gu  'n 
cuireadh  each  Newton  air  cheann  na  sreath. 
"  Thubhairt  Dia,  Bitheadh  solus  ann,  agus 
rugadh  Newton." 

Bha  an  t-Ollamh  Martainn  Routh,  a  bha 
'n  a  Ard- cheann  air  Colaiste  Magdalen  an 
Oxford,  agus  a  shiubhail  an  1854  'n  a  dhiol- 
deirce    truagh    'n    a    leanabh,    is    fhuair    a 


mhathair  dragh  mor  'g  a  arach,  ach  bha  e 
naoi  deug  is  ceithir  fichead  an  uair  a  shiubhail 
e.  Choisicheadh  e  sia  mile  gun  sgiths  an 
deidh  dha  dol  seachad  air  ceithir  fichead  's 
a  deich,  is  dhiricheadh  e  air  faradh  gun 
tuainealaich  a  thighinn  'n  a  cheann.  Bha 
e  'n  a  sgoilear  maith,  agus  cha  chuireadh 
e  sgriobhadh  air  bith  as  a  laimh  gus  am 
biodh  a  h-uile  facal  agus  a  h-uile  comma 
dheth  ceart.  Sin  aon  de  chomharaidhean 
dhaoixie  diadhaidh,  ged  nach  cluinn  thu  e 
air  ainmeachadh  air  Di-haoine  na  Ceiste, 
agus  is  mise  a  bhiodh  sona  na  'n  robh 
coguisean  maoth  aig  mo  bhraithrean  Gaidh- 
ealach  anns  a'  cheum  so. 

Ach  chan  f  haighear  duine  gun  f  hailing  ; 
ged  bha  an  t-Ollamh  Routh  curamach  'n  a 
sgriobhadh  chuir  e  dail  'n  a  thiomnadh  •  a 
dheanamh.  Cha  b'  urrainn  dha  radh  nach 
d'  thug  Dia  iiine  dha  a  chuisean  saoghalta 
a  chur  an  ordugh. 

Dh'  fhaighnich  sgoilear  6g  dheth  uair- 
eigin,  a  bha  a'  toiseachadh  air  sgoilearachd 
mhionaideach  a'  Bhiobuill  agus  a'  Chreidimh 
Chriosduidh,  gu  de  na  leabhraichean  a 
chomhairlicheadh  e  dha  a  leughadh.  "  Na 
'm  bu  mhise  thu,"  arsa  Routh,  "tha  mi 
an  dull  gu  'n  toisichinn  le  soisgeul  Mhata ; 
an  deidh  dhomh  soisgeul  Mhata  a  leughadh 
rachainn  air  m'  aghaidh  gu  Marc,"  agus 
lean  e  mar  sin,  ag  ainmeachadh  a  h-uile 
leabhar  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  gu  reidh 
agus  gun  chabhaig  gus  an  deachaidh  e 
thairis  orra  uile.  Cha  bu  dona  an  leasan 
e  do  sgoilear  6g,  a  bha  an  diiil  gu  'n  comh- 
airlicheadh  e  dha  seorsa  eile  de  leabhraichean 
a  leughadh. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Fearchar  Mac  Rath,  M.A. 

GED  rugadh  e  an  siorramachd  Bhanbh 
bhuineadh  a  chuideachd  do  Loch  Carrann, 
agus  bu  Mhac  Rath  e  air  an  da  thaobh.  Bha 
e  ceithir  fichead  's  a  seachd  an  uair  a 
shiubhail  e. 

Bha  e  air  oileanachadh  an  sgoil  Raining, 
an  Inbhir-nis,  agus  an  Oilthigh  Dhim- 
eideann  ;  air  a  chur  air  leth  gu  dreuchd 
na  ministrealachd  le  Cleir  Inbhir-pheoth- 
aran  an  1888,  agus  air  a  shuidheachadh  an 
Truimisgearraidh,  an  Uidhist,  coig  miosan  an 
deidh  dha  cead  searmonachaidh  fhaotainn. 
Cha  d'  fhan  e  an  Truimisgearraidh  ach 
bliadhna  ;  chaidh  e  do  Ghleann-Garaidh  an 
1889,  agus  coig  bliadhna  'n  a  dheidh  sin  do 
Ghleann  Urchaidh,  an  Cleir  Lathurn,  far  an 
do  shaothraich  e  gu  dileas  agus  gu  sona  gus 
an  do  leig  e  dheth  uallach  sgire  o  chionn 
beagan    bhliadhnachan.       Anns    na    bliadh- 


nachan  mu  dheireadh  d'a  bheatha  bha  e  a' 
fuireach  an  Tigh-an-Droma. 

Tha  cuimhne  agam  gu  maith  air  a'  cheud 
uair  a  chunnaic  mi  e.  Bha  fear-cuideachaidh 
aige  an  Dail-mhaillidh  a  dh'  iarr  orm  dol  'n 
a  aite  air  Sabaid  shonruichte,  a  chionn  gu  'm 
feumadh  e  fein  a  bhi  an  aite-eigin  eile.  Cha 
mhor  nach  b'  fhearr  leamsa  teicheadh  as  an 
diithaich  seach  dol  air  cheann  seirbhis,  oir 
cha  robh  mi  ach  air  toiseachadh  anns  a' 
Cholaist,  ach  co  dhiubh  gheall  mi  gu  'n 
leiginn  mo  charaid  a  glais.  Thubhairt  e 
rium  gu  'm  biodh  da  sheirbhis  agam  ri 
dheanamh,  an  t-seirbhis  mhaidne  ann  an 
eagiais  bhig  a  bha  astar  ixiaith  air  falbh  o 
«aglais  na  sgire  agus  an  t-seirbhis  fheasgair 
ann  an  eagiais  na  sgire.  Anns  an  fheasgar, 
agus  mi  'n  am  sheasamh  anns  an  vestry,  a' 
feitheamh  gus  an  tigeadh  am  beadall  'g  am 
sheoladh    do    'n    chilbaid,    thainia;   Fearchar 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Mac  Rath  a  steach  air  an  dorus.  Sheall  e 
orm  gu  clis,  agus  dh'  fhaighnich  e  c6  mi  agus 
ciod  mo  ghnothuch  an  sud.  An  iiair  a  dh' 
innis  mi  dha  an  gnothuch  air  an  d'  thainig 
mi  dh'  fhaighnich  e  an  robh  f hios  agam  nach 
robh  iighdarras  air  bith  aig  mo  leithid  mo 
ghuth  a  thogail  ann  an  cubaid,  Cha  robh 
fhios  agam-sa  aig  an  am  co  dhiubh  bha  no 
nach  i'obh.  "  Mar  sm,"  ars  esan,  "  cuiridh 
tu'  dhiot  an  cleoca  ;  suidhidh  tu  ann  am  fear 
de  na  suidheachain,  agus  theid  mise  air 
cheann  na  seirbhis  mi  fhein."    Bha  e  ceart. 

Chan  e  cion  iighdarrais  a  bha  al  cur  eagail 
ormsa  air  an  fheasgar  ud  ach  cion  misnich 
agus  gainne  smuaintean  agus  bhriathran,  is 
bha  mi  gle  thoilichte  faotainn  as  mo  chas 
cho  reidh. 

Tha  mi  'g  a  innseadh  so  a  chionn  gu  bheil 
e  a'  leigeil  fhaicinn  an  seorsa  duine  a  bha  ann 
am  Fearchar  Mac  Rath,  duine  laidir  smaehd- 
ail  de  'n  t-seann  stoc  mhinistearan  aig  an 
robh  meas  air  lagh  agus  riaghailt,  agus  a  bha 
ciiramach  gU  'm  biodh  gach  ni  air  a  dhean- 
amh  anns  an  eaglais  mar  bu  choir. 

Suas  ri  da  fhichead  bhadhna  shaothraich 
e  an  Gleann-Urchaidh,  is  ghleidh  e  aite  ann 
am  fabhar  an  t-sluaigh  mar  mhinistear 
dleasdanach  agus  glic  agus  mar  dhuine  a 
bha  ceart  agus  stuama  'n  a  fhacal  agus  'n 
a  chaitheamh-beatha  fad  na  h-iiine  sin. 
Cha  robh  e  brosgulach  no  leam-leat  ;  cha 
chualas  riamh  e  ri  seanchas  faoin  no  amaide- 
ach  no  neo-fhreagarrach,  agus  cha  mho  a 
chunnacas  riamh  e  a'  gabhail  pairt  ann  am 
baoth-shtigradh  no  ann  an  goraiche.  Bha 
meas  mor  aig  a  bhraithrean  air  a  chomhairle 
anns  a'  Chleir,  agus  bha  meas  air  fhein 
aig  iochdarain  agus  uaehdarain  air  feadh 
Lathurn  uile. 

'N  a  uile  dhoighean  bha  coslas  a  dhreuchd 
air,,  'n  a  aodach  agus  'n  a  chainnt  agus  'n  a 
ghiiilan,  agus  a  thuilleadh  air  a  bhi  'n  a 
dhuine  ghc  turail  giT,  nadurra  bha  e  'n  a 
sgoilear  maith  anns  an  t-seagh  so,  gu  'm 
biodh  e  a'  breithneachadh  le  thuigse  fhein 
air  na  leabhraichean  a  leughadh  e.  Cha 
mhor  dhaoine  an  Albainn  a  bhruidhueadh 
Gaidhhg  no  a  thuigeadh  GaidhHg  Albannach 
cho  maith  ris. 

"  Teachd  Thituis  " 

An  uair  a  bha  duine  araidh  an  Cille- 
sgumain  'n  a  shuidhe  aig  a  bhraiceas,  a' 
leughadh  nan  litrichean  a  thvig  posta  na 
maidne  chuige,  leugh  e  ann  an  te  dhiubh 
a  bha  au-  a  sgriobhadh  le  neach  nach  ruigear 
a  leas  ainmeachadh,  '"  Bha  an  litir  niu 
dheireadh  a  fhuair  mi  bhuait  mar  theachd 
Thituis  dhomh."  Cha  robh  fhios  aige  ciod 
a  bha  am  facal  ud  a'  ciallachadh,  agus  cha 
mho  a  b'  urrainn  a  bhean  no  gin  d'  a  the- 


aghlach  innseadh  dha.  Fad  na  seachduin 
dh'  fhaighnich  e  de  'n  h-uile  duine  a  thachair 
lis  am  b'  urrainn  dhaibh  innseadh  dha  ciod 
a  bha  am  facal  "  teachd  Thituis  "  a'  ciallach- 
adh, ach  cha  d'  amais  e  air  neach  aig  an  robh 
fhios.  Na  bu  mhiosa  na  sin  air  fad,  cha  robh 
moran  ris  an  do  bhruidhinn  e  cinnteacK  co 
dhiubh  a  bha  ann  an  Titus  duine,  no  rionnag, 
no  paipear-naidheachd,  no  rud-eigin  a  bhuine- 
adh  do  'n  Radio.  Mar  sin  b'  fheudar  dha 
fhaighneach  d'a  charaid  a  sgriobh  an  litir 
ciod  a  bha  e  a'  ciaUachadh  leis  an  fhacal  ud  ; 
an  ann  'g  a  mholadh,  no  'g  a  chronachadh, 
no  a'  magadh'  air,  no  a'  maoidheadh  air,  a 
bha  e  ?  Leis  an  'ath  phosta  fhuair  e  cairt- 
phosta  agus  gun  oirre  ach  so,  "  Seall  air 
II  Corint  VII,  6."  An  uair  a  sheall  e  oirre 
leugh  e  na  briathran  so, 

Ach  Dia  a  bheir  comhfhurtachd  dhaibhsan 
a  tha  air  an  leagadh  sios,  thug  e  comhfhurt- 
achd dhuinne  le  teachd  Thituis. 

Chan  'eil  eolas  aig  daoine  ak  a'  Bhiobull 
an  diugh  mar  bha  aca  uair-eigin.  Theagamh 
gu  bheil  aireamh  bheag  aig  a  bheil  eolas  na 
's  fhearr  air  na  bha  aig  an  aithrichean,  ach 
tha  a  mhor-chuid  an  Albainn  an  diugh  na 
's  aineolaiche  air  a'  Bhiobull  na  bha  iad  an 
1872,  an  uair  a  ghabh  an  Riaghaltas  os  laimh 
ctiram  na  cloinne  agus  nan  sgoilean. 

An  uair  a  bhios  ministear  a'  bruidhinh 
anns  a'  chubaid  an  diugh  chan  aithnich  an 
dara  leth  de  'n  choimhthional  briathran 
Dhaibhidh  no  Eoin,  agus  is  e  sin  aon  de 
na  h-aobharan  nach  'eil  an  cumhachd  ann 
an  -searmonachadh  a  bha  ann  aon  uair. 
Bha  na  seann  mhinistearan  a'  labhairt  ri 
daoine  d'  am  b'  aithne  am  Biobull,  agus  a 
bha  a'  creidsinn  gur  e  facal  an  Tighearna 
a  bha  ann  gun  teagamh,  agus  mar  sin  bha 
cothrom  aca  air  an  t-siol  a  chur  ann  an 
talamh  maith.  Ach  an  diugh  ma  thachras 
do  dhuine  ann  an  seanchas  ri  duine  eile 
tarruing  a  thoirt  air  an  fheirg  a  tha  i"i 
teachd,  no  mu  thigh  a  chur  an  ordugh,  no 
mu  'n  teine  nach  miichar  a  chaoidh,  is  maith 
an  gnothuch  mur  saoil  e  gur  e  maoidhidhean 
Hitler,  no  innleachd  Bheveridge,  no  sgrios 
Hambiu'g,  a  tha  e  a'  ciallachadh. 

An  uair  a  sgriobh  Tomas  Carlyle  an  litir 
so  gu  mhathair  air  co-ainm  a  latha-breith 
tha  mi  cinnteach  nach  leigeadh  i  a  leas 
fheoraich  de  neach  eile  ciod  a  bha  e  a'  ciallach- 
adh le  biithaibh  Chedair,  ged  nach  robh  innte 
ach  bean  clachair.  "  Ged  tha  mi  seachd 
bhadhna  fichead  cha  do  rinn  mi  dad  fhathast 
a  b'  fhiach  dhuibli  mo  thoirt  a  steach  do  'n 
t-saoghal  air  a  shon.  Chan  'eil  annam  ach 
babhdaire  gun  fhiii,  truaghan  bochd  air 
chuairt  ann  am  Mesech,  agus  aig  a  bheil  mo 
chomhnuidh  ann  am  buthaibh  Chedair." 


Aireamh   12 


1943 


An  Fhianuis  Cheart 


Thugaibh  urram  do  na  h-uile  dhaoine.     Oradhaichibh  na  braithrean.     Bitheadh  eagal 
DM  oirbh.     Thugaibh  urram.  do'n  righ.^—I.  Peadar  ii.  17 


THEAGAMH  nach  'eil  cuimhne  aig  a'  mhor- 
chuideachd  an  diughair  an  naimhdeas  a  bha 
air  a  nochdadh  an  aghaidh  an  duine  dhiadh- 
aidh,  Seanailear  Booth,  an  uair  a  chuir  e 
Armailt  na  Slainte  air  chois  an  toiseach  ann 
an  Sasunn.  Ann  an  cuid  de  na  bailtean 
mora  bha  e  air  a  mhallachadh  is  air  a 
mhionnachadh  le  grMsg  a'  bhaile  mar  gu'm 
b'e  teachdair  Shatain  a  bha  ann  ;  bhiodh  iad 
a'  deanamh  iorghuUl  aig  na  coinneamhan  a 
bha  e  a'  gleidheadh  agus  a'  feuchainn  ri  stad 
a  chur  orra.  Ann  an  Sheffield  aon  uair 
chaidh  iad  as  a  dheidh  agus  as  deidh  a 
mhnatha  le  clachan  agus  uibhean  groda,  is 
thug  iad  an  t-aodach  'n  a  stiaUan  bharr  druim 
nan  caileagan  a  chuir  orra  boineidean  na 
h-armaUt.  Bha  naidheachdan  breugach  air 
an  sgaoileadh  air  feadh  na  diithcha  mu'n  dol- 
a-mach  a  bha  aig  luchd-leanmhuinn  Bhooth 
anns  na  coinneamhan-dusgaidh  a  bhiodh 
aca.  Bha  so  uile  air  a  dheanamh  le  daoine 
leis  nach  bu  toil  Armailt  na  Slainte,  agus  a 
bha  air  son  an  obair  a  mhilleadh.  Ach  tha 
an  saoghal  uile  ag  aideachadh  an  diugh  gu'm 
bu  duine  Seanailear  Booth  a  bha  coltach  ri 
Barnabas,  duine  a  bha  Ian  de  chreideamh 
agus  de'n  Spiorad  Naomh. 

Na  ceud  Chriosduidhean 

Bha  a'  cheart  rud  air  a  dheanamh  air  na 
ceud  Chriosduidhean.  Bha  an  naimhdean  a' 
sgaoileadh  naidheachdan  breugach  umpa,  ag 
radh  nach  robh  annta  ach  daoine  neonach 
agus  daoine  cumhann  ;  daoine  nach  robh 
dileas  do'n  iompaire  agus  nach  robh  baigheil 
r'an  coimhearsnaich. 

Bha  f  hios  aig  Peadar  gu  robh  sin  air  a  chur 
as  an  leth,  agus  b'e  sin  an  t-aobhar  gu'n  do 
sgriobh  e  na  briathran  so  gu  muinntir  na 
h-eaglais,  Thugaibh  urram  do  na  h-uile 
dhaoine  ;  Gradhaichibh  na  braithrean  ;  bithe- 
adh eagal  Dhe  oirbh  ;  thugaibh  urram  do'n 
righ.  Mar  gu'n  abradh  e  riu,  Bithibh  faicille- 
ach  nach  toir  sibh  aobhar  do  dhuine  air  bith 
tuaileas  a  thogail  oirbh  ;  chan  'eil  doigh  as 
fhearr  air  droch  thuaileas  a  thiUeadh  na 
dhearbhadh  le  'ur  caitheamh-beatha  nach 
'eil  firinn  ann. 


Is  e  an  fhianuis  as  laidire  as  urrainn  duine 
a  thogail  air  taobh  Chriosd  anns  an  t-saoghal 
a'  bheatha  naomh  a  ghradhachadh  agus  a 
leantumn.  Air  uairean  bidh  e  ann  am  inntinn 
nach  gabh  an  diadhaidheachd  teagasg  ;  nach 
urrainn  aon  duine  diadhaidheachd  no  slighe 
na  beatha  a  theagasg  do  dhuine  eile.  Theid 
againn  air  a'  BhiobuU  a  theagasg,  agus  air 
Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist,  agus  air 
Creud  is  Paidir  a  theagasg.  Ach  cha  ghabh 
an  diadhaidheachd  teagasg  air  an  doigh  sin  ; 
tha  an  diadhaidheachd  air  a  teagasg  (1)  leis 
an  Spiorad  Naomh,  agus  (2)  leis  a'  bhuaidh 
a  tha  aig  naomhachd  aon  duine  air  cridhe 
duine  eile. 

A  mhuinntir  mo  ghraidh  biodh  'ur  caith- 
eamh-beatha maith  an  lathair  nan  Cinneach 
a  chum  's  gu'm  feum  iad  'ur  deagh  oibre 
aideachadh,  a  dh'  aindeoin  gach  tuaileis  a 
thog  iad  oirbh  mar  dhroch  dhaoine,  an  uair 
a  chi  iad  sibh  air  'ur  dearbhadh,  agus  gu'n 
toir  iad  gloir  do  Dhia.  Air  sgath  an  Tigh- 
earna  thoiribh  umhlachd  do  gach  ughdarras 
laghail  ;  do'n  Iompaire  mar  an  t-ughdarras 
saoghalta  as  airde,  agus  do  luchd-riagh- 
laidh  mar  dhaoine  d'  an  tug  esan  coir  air 
eucoraich  a  pheanasachadh  agus  daoine  onor- 
ach  a  sheasamh,  oir  is  e  toil  Dhe  gu'n  cuir- 
eadh  sibh  'n  an  tosd  le  'ur  deagh  dheanadas 
an  tuaileas  aineolach  a  bhios  daoine  amaid- 
each  a'  togail  oirbh.  Giulainibh  sibh  fein 
mar  dhaoine  a  tha  saor,  ach  na  deanaibh  'ur 
saorsa  'n  a  cleoca  do'n  olc  ;  giiilainibh  sibh 
fein  mar  sheirbhisich  Dhe.  Thugaibh  urram 
do  na  h-uile  dhaoine.  Gradhaichibh  na 
braithrean.  Bitheadh  eagal  DM  oirbh.  Thu- 
gaibh urram  do'n  righ. 

Cha  bhiodh  ann  ach  cosd  cainnte  a  bhi  ag 
earalachadh  air  luchd-leughaidh  a  bhuineas 
do  Eaglais  na  h-Alba  urram  a  thoirt  do'n  righ, 
no  geill  a  thoirt  do  lagh  na  rioghlachd,  oir 
tha  sin  air  a  theagasg  dhuinn  o'r  n-6ige,  ach 
tha  feum  againn  uile  air  na  h-earailean  eile 
oir  is  e  eagal  an  Tighearna  tus  a'  ghliocais 
agus  ttis  na  diadhaidheachd,  agus  is  e  gradh 
braithreU  comharradh  agus  toradh  na  diadh- 
aidheachd. 


AN  FH1ANUI8  CHEART— SALUM  MACLEOID  NACH  MAIREANN 


Freumh  olc 

Ach  ciod  a  tha  an  t-abstol  a'  ciallachadh  le 
urram  a  thoirt  do  na  h-uile  dhaoine  ?  Tha 
-mi  an  dull  gu  bheil  e  a'  ciallachadh  gun  tair 
a  dheanamh  air  duine  air  bith.  Duine  a 
tha  taireil  magail  air  a  cho-chreutairean, 
agus  a  labhras  gu  suarrach  umpa  no  riutha, 
sin  agad  duine  anns  nach  'eil  an  inntinn  a 
bha  ann  an  Criosd. 

An  do  smuainich  thu  riamh,  a  leughadair, 
ciod  a  bha  Criosd  a'  ciallachadh  an  uair  a 
thubhairt  e  am  facal  so,  Co  air  bith  a  their 
r'a  bhrathair,  Amadain,  bidh  e  ann  an 
cunnart  teine  if r inn. 

Tha  e  duilich,  "  Amadain,"  a  radh  ri 
duine  air  bith  ann  an  doigh  laghach,  no 
ann  an  doigh  mhodhail,  ach  ma  tha  dithis 
dhaoine  ann  an  daimh  dhliith  d'a  cheile, 
agus  a'  tuigsinn  a  cheile,  theagamh  gu'n 
teid  aig  an  dara  fear  air,  "  Amadain,"  a 
radh  ris  an  fhear  eile  gun  a  ghortachadh. 
Ach  bha  Criosd  a'  smuaineachadh  air  an 
t-seorsa  dhaoine  a  tha  cho  taireil  air  daoine 
eile,  agus  cho  suarrach  air  am  faireach- 
duinnean  's  gu'n  abair  iad  coin  agus  amadain 
riu  cho  deas  's  a  their  iad  an  ainm  dhaibh. 
A  reir  teagasg  Chriosd  tha  an  duine  sin  ann 
an  staid  chunnartach. 


Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  seirbhe 
do  dhuine  a  bhi  cuimhneachadh  na  gu'n  do 
labhair  e  uaireigin  ri  duine  eile  ann  an 
doigh  mhagail  no  thaireil  a  ghoirtich  an 
duine  sin.  Do  dhuine  aig  a  bheil  coguis 
mhaoth  sin  cumhneachan  a  bheir  air  falbh 
bhuaith  cadal  na  h-oidhche,  gu  sonraichte 
ma's  ann  air  cloinn  no  air  seirbhisich  a  leag 
e  a  theanga  neo-thimchioll-ghearrte.  "  Cuir 
thusa,  lehobhah,  faire  air  mo  bheul ;  gleidh 
dorus  mo  bhilean." 

Ann  an  eaglais  mhor  mar  tha  Eaglais  na 
h-Alba,  no  anns  an  eaglais  Shasunnaich,  chan 
'eil  am  braithreachas  air  a  chumail  suas  mar 
tha  e  anns  na  h-eagiaisean  beaga  ;  am  measg 
nam  Baisteach,  am  measg  Comunn  nan 
Cairdean  ris  an  abrar  na  Quakers,  agus  am 
measg  muinntir  na  h-eaglais  Shaoir.  Theag- 
amh gu  bheil  rud  beag  de  chumhannachd  a' 
dol  an  cois  a'  bhraithreachais  so  air  uairean, 
ach  air  a  shon  sin  tha  e  ceart  gu'm  biodh 
buill  na  h-aoin  eaglais  dileas  do  chach  a  cheile 
agus  deas  gu  each  a  cheile  a  sheasamh  no 
chuideachadh. 

Tha  an  gradh  maith  agus  ro-mhaith  ; 
maiseach  is  beannaichte  os  cionn  gach  ni  eile  air 
thalamh  ;  an  toradh  as  fhearr  agus  an  comh- 
arradh  as  cinntiche  air  an  diadhaidheachd. 


Calum  MacLe6id  Nach  Maireann 
Sar  Ghaidheal  Agus  Duine  C6ir 

Leis  an  Urr.  Tomas  M.  MacCalmain,  M.A.,  Govan 


AIR  an  latha  mu  dheireadh  de  mhios 
October,  ghairmeadh  Calum  MacLeoid  do'n 
fhois  sin  a  dh'fhagadh  fa  chomhair  sluagh 
Dhe.  Bha  e  tri  fichead  bliadhna  's  a  h-ochd- 
deug  a  dh'aois,  agus  re  a  bheatha  fhada  gus 
na  seachduinean  mu  dheireadh  cha  do  chuir 
euslaint  riamh  e  ann  an  lamhan  lighiche. 

Mu  bhliadhna  air  ais  thoisich  a  luchd-eolais 
air  saoUsinn  gu'n  robh  iad  a'  faicinn  chomh- 
arraidhean  na  h-aoise,  ach  comharraidhean 
beaga.  Bha  inntinn  cho  laidir,  a  bhuadhan 
cho  soilleir,  agus  a  cheum  cho  luath  's  a  bha 
iad  riamh.  Choisicheadh  e  an  deaghastar  a 
h-uile  latha.  Uair  's  an  t-seachduin  chluich- 
eadh  e  cuairt  "  Gholf "  comhla  ri  seann 
charaid  dha,  agus  is  gann  seachduin  nach 
robh  coinneamh  air  chor-eigin,  no  barrachd 
is  aon,  aige  ri  fhrithealadh  an  Glaschu  no 
an  Dijn-eideann. 

Mu  mheadhon  an  fhoghair  thoisich  e  ri 
gearan  riutha-san  a  b'eolaiche  air  nach  robh 
e  a'  faireachadh  cho  maith,  ach  dhitilt  e 
gach  comhairle  a  dhol  chun  an  dotair  gus 
am    bitheadh    Comanachadh    an    fhoshair 


seachad  anns  a'  choimhthional  d'am  buin- 
eadh  e.  "  Ma  ruigeas  mi  an  dotair,"  ars 
esan,  "  's  docha  gu'n  cuir  e  a  laighe  mi, 
agus  chan  fhaigh  mi  do'n  Chomanachadh." 
Air  Sabaid  a'  Chomanachaidh  bha  fior 
choltas  tinn  air,  ach  bha  e  an  sud  'na  aite 
abhaisteach  air  cheann  nan  eildeirean.  An 
ath-latha  chaidh  e  dh'ionnsuidh  dotair.  Air 
an  ath-Shabaid  bha  e  an  lathair  's  an  eaglais 
air  son  na  h-uaire  mu  dheireadh.  An  deidh 
deich  laithean  's  an  tigh-eiridinn  dh'eug  e 
ann  an  sith. 

'S  e  duine  iomraiteach  a  bha  ann  an  Calum 
MacLeoid.  Shaothraich  e  agus  shoirbhich 
leis  ann  an  caochladh  sheorsachan  oibre  agus 
dleasdanais.  Ged  nach  robh  e  ard  'n  a 
phearsa,  b'eireachdail  a  choltas  agus  a 
ghitilan.  Chan  iarradh  e  dha  fhein  uair 
sam  bith  a'  cheud  aite,  ach  a  dh'aindeoin 
sin  bheirteadh  an  aire  dha  ann  an  cuideachd 
air  bith  's  am  bitheadh  e. 

Rugadh  ar  car  aid  caomh  ann  an  Leodhas 
anns  a'  bhliadhna  1865,  ach  am  beagan 
bhliadhnaichean    ghluais    an    teaghlach    do 


CALUM  MACLEOID  NACH  MAIREANN 


^ 


Ghovan,  agus  an  sin  chriochnaich  e  a  chiirsa- 
sgoile,  agus  aig  aois  dha  bhliadhna  dheug 
ghabhadh  a  steach  e  ann  an  oifis  Bord-Sgoiie 
Sgir  Ghovan.  Ghoisinn  a  bhuadhan  agus  a 
sheirbhis  dha  ardachadh  inbhe,  agus  an 
1906  rinneadh  e  'n  a  Run-chleireach  aig  a' 
Bhord-Sgoile  sin,  dreuchd  a  chuir  fo  a 
chiiram  riaghladh  nan  sgoilean  chan  ann  a 
nihain  an  Govan  ach  mar  an  ceudna  ann  an 
roinnean  farsuing  de  Ghlaschu  (Kinning 
Park,  PoUokshields,  Govanhill,  Partick,  agus 
Hnihead).  Ann  an  1919,  a'  leantuinn  air 
Achd  Parlamaid  1918,  chaidh  Btirrd-Sgoile 
Ghlaschu  agus  Ghovan  aonadh  ri  cheile  mar 
aon  Chomhatrle  an  Fhoghluim,  agus  thagh- 
adh  Calum  MacLeoid  mar'  lar-Runaire  agus 
lar-Ionmhasair  na  Comhairle  uir  so,  agus 
mar  fhear-cuideachaidh  aig  ard-fhear-seolaidh 
an  fhoghluim  am  baile  Ghlaschu.  Ann  an 
1930,  an  uair  a  rainig  e  an  aois  shuidhichte, 
leig  e  dheth  an  dreuchd  cudthromach  agus 
urramach  so.  Chan  'eil  e  soirbh  a  mheas  cia 
luachmhor  agus  torach  an  t-seirbhis  a  rinn 
e  do'n  oigridh  agus  do  an  luchd-teagaisg 
anns  an  leth-cheud  bliadhna  a  bha  e  air 
cheann  chtiisean-sgoile. 

'S  ann  mar  dhuine  sonraichte  ann  an 
ciiisean-sgoile  a  b'aithne  do  Ghoill  Ghlaschu 
Calum  MacLeoid,  ach  thainig  iad  gu  bhi  ag 
amharc  air  cuideachd  mar  fhear-toisich  agus 
cheannard  GhaidheU  Ghlaschu,  agus  's  ann 
mar  an  ceann  agus  am  fear-itiil  a  bha  Gaidheil 
Ghlaschu  agus  moran  eile  feadh  na  duthcha 
'ga  mheas  fad  mhoran  bhliadhnaichean  air 
ais.  Bha  e  min-eolach  agus  bu  mhor  a  mheas 
air  canain  is  ceol  is  cleachdadh  nan  Gaidheal, 
agus  ris  gach  oidhearp  air  sgath  cliii  is  cor 
na  Gaidhealtachd  agus  nan  Gaidheal  thug  e 
a  lan-thaic.  Coig  bliadhna  air  ais  bha  e  am 
measg  na  feadhna  a  chuir  Comunn  Aiteach- 
aidh  na  Gaidhealtachd  do  Lunnainn  a  choinn- 
eachadh  ri  Rimaire  na  Staite  air  son  Alba 
agus  ris  na  buill-parlamaid  Albannach  an 
co-cheangal  ri  oidhtrpean-leasachaidh  do'n 
Ghaidhealtachd . 

Fad  coig  bliadhna  fichead  bha  Calum 
MacLeoid  'n  a  cheann-suidhe  air  Comunn 
Leodhais  agus  na  Hearadh,  comunn  a  chuir 
e  fhein  agus  aon  no  dha  eile  air  chois. 
Bha  meas  air  ann  an  eilean  a  bhreith — 
"  Eilean  an  Fhraoich,"  mu'n  trie  bu  mhiann 
leis  bhi  labhairt — agus  ann  an  1938  thug 
riaghlairean  BaUe  Steornabhagh  dha  an 
t-urram  a  b'airde  a  bha  aca  ri  thoirt— 
"  Onoir-Saorsa  a'  Bhaile."  B'esan  agus  fear 
eile  a'  cheud  fheadhainn  d'an  tug  Steornabh- 
agh riamh  an  t-urram  so.  Air  son  corr  is 
deich  bUadhna  fichead  bha  e  'n  a  Cheann- 
suidhe  air  Ceilidh  nan  Gaidheal  an  Glaschu, 
agus   aig   a'    CheiHdh   geamhradh    as    deidh 


geamhraidh  gach  feasgar  Sathurna  gheibht- 
eadh  chan  e  a  mhain  cur-seachd  ciallach 
agus  co-chomunn  cairdeU  ach  beannachd 
cuideachd  bho  aoibhealachd  a'  chinn-suidhe 
agus  na  h-tirnuighean  simplidh  agus  durachd- 
ach  leis  am  bu  ghnath  leis  a'  CheiHdh 
fhosgladh. 

Am  measg  nan  Gaidheal  ainmeU  a  lion 
ard-chathair  a'  Chomuinn  Ghaidhealaich, 
chan  'eil  ainm  a  thug  barr  air  Calum  Mac- 
Leoid. Re  sia  bHadhna  deug  thar  fhichead 
gu  am  a  bhais  bha  e  'na  bhaU  de  Chomhairle 
Ghniomhaich  a'  Chomuinn,  agus  re  nan  tri 
bliadhna  thar  fhichead  mu  dheireadh  sheirbh- 
isich  e  mar  Fhear-gairme  Comhairle  a'  Chlo- 
bhualaidh,  agus  anns  an  tiine  sin  fo  a 
stiiiireadh-san  is  iomadh  leabhar  maith 
Gaidhlig  a  chuir  an  Comuim  an  clo,  'n  am 
measg  a  dha  gu  sonruichte  a  dh'fhaodar 
ainmeachadh  oir  b'iad  an  da  leabhar  mu 
dheireadh  anns  an  robh  lamh  aige — "  Airgiod 
an  Righ "  (a  tha  cheana  a  mach)  agus 
"  Setrbhis  a'  Chruin  "  (a  bhitheas  uUamh  a 
dh'aithghearr).  Bho  1912  gu  1919  bha  e  'n 
a  Cheann-suidhe  air  a'  Chomunn  Ghaidheal- 
ach,  agus  le  ghiulan  's  le  chainnt  chuir  e 
dreach  air  an  otfig  inbheach  sin.  Threoraich 
e  gu  glic  cuisean  a'  Chomuinn  troimh  thriob- 
laidean  a'  Chogaidh  Mhoir  mu  dheu-eadh, 
agus  aig  crioch  a'  chogaidh  chrim  e  obair 
le  bhi  air  cheann  na  feadhna  a  choisinn  aite 
do'n  Ghaidhlig  ann  an  Achd  an  Fhoghluim, 
1918,  agws  a  rinn  a'  Ghaidhlig  'n  a  cuspair- 
ionnsichaidh  ann  an  sgoilean  na  Gaidhealt- 
achd. Ach,  mar  a  thubhairt  e  fhein  anns  an 
oraid  Ghaidhlig  a  liubhair  e  mar  Cheann- 
suidhe  a'  Chomuinn  ann  an  1919,  "  Ged  a 
tha  aite  gu  bhi  aig  a'  Ghaidhhg  air  clar- 
teagaisg  nan  sgoUean, '  chan  fhoghain  sin. 
Cha  chiim  sin  i  'n  a  canain  bed  fallain,  a' 
ruith  gu  siubhlach  air  teanganan  an  t-sluaigh. 
Feumaidh  i  bhi  air  a  cleachdadh  le  scan  agus 
6g  timcheall  nan  teinntean  anns  na  tighean 
ceilidh  agus  anns  na  tighean  aoraidh,  ma 
tha  smeadh  laithean  gu  bhi  aice  mar  chanain 
labhairt." 

"...  anns  na  tighean  aoraidh."  Nach 
lionmhor  na  Gaidheil  a  bhitheas  trie  aig 
Mod  agus  aig  ceilidh  is  cuirm-chitiil,  ach 
nach  teid  uair  air  bith  gu  aoradh  foUaiseach 
Dhe  ann  an  canain  an  athraichean.  Cha 
b'ann  mar  sin  a  bha  Calum  MacLeoid. 
B'ainneamh  na  h-uairean  anns  an  robh  a 
shuidheachan  falamh  anns  an  eaglais  d'am 
buineadh  e,  chan  ann  a  mhain  air  an  t-Sabaid 
ach  cuideachd  aig  a'  choinneamh-urnuigh 
troimh  an  t-seachduin.  Ged  a  b'iomadach 
na  gnothaichean  anns  an  robh  lamh  aige, 
b'e  aobhar  an  Tighearna  bu  docha  leis  thar 
gach  ni  eile.     Fad  a  bheatha  bhuineadh  e 


CALUM-MACLEOID  NACH  MAIREANN— AIG  AN  UINNEIG 


do'n  aoii  choimhthional,  Eaglais  Ghaidhlig 
Chaluim-Chille  an  Govan.  Ann  an  1898 
rinneadh  eildeir  dheth,  agus  ann  an  1930 
an  uair  a  chaidh  an  coimhthional  aonadh  ri 
coimhthional  Eaglais  Chopland  Road  thagh- 
adh  e  mar  Chleireaeh  an  t-Seisein,  dreuchd 
a  chomh-liori  e  gus  a'  chrioch.  Fad  mhoran 
bhliadhnaichean  cuideachd  suas  gu  am  a 
bhais  b'esan  am  fear-togail  fuinn  anns  na 
seirbhisean  Gaidhlig.  Air  son  corr  is  da 
fhichead  bliadhna  suas  gu  toiseach  a'  chog- 
aidh  so  ghleidh  e  Clas-Biobuill  air  son  nam 
balach  agus  nan  caileagan  a  bha  seachad  air 
aois  na  sgoil-Shabaid.  Anns  a'  chlas  so  bha 
aige  anns  na  bliadhnaichean  mu  dheireadh 
clann  na  c^oinne  a  bha  e  a'  teagasg  anns  na 
ceud  bhliadhnaichean. 

Cha  b'ann  a  mhain  anns  a'  choimhthional 
d'am  buineadh  e  a  shaothraich  Calum  Mac- 
Leoid  as  leth  rioghachd  Dhe.  Air  son  iiine 
fhada  sheirbhisich  e  air  Comhairlean  Ard- 
Sheanadh  na  h-Eaglais,  gu  sonraichte  air 
Comhairle  na  Gaidhealtachd  agus  nan  Eilean 
(Highlands  and  Islands  Committee)  ;  agus 
air  Comhairlean  Cleir  Ghlaschu,  gu  sonraichte 
air  Comhairle  Aonadh-Choimhthionalan.  Bha 
e  mar  an  ceudna  air  bord-riaghlaidh  nan 
comunn  a  leanas — Comunn  Gaidhealach  nam 
Ban  (Ladies'  Highland  Association),  "  High- 
land Trust,"  "  Highlands  and  Islands  Ap- 
proved Society,"  agus  "  West  Coast  Mission." 
Gach  gnothach  a  ghabh  e  os  laimh  chuir  e  a 
chridhe  agus  inntinn  ris.  Bha  e  ge»r-chuise- 
ach  'n  a  bheachdan,  coibhneil  'n  a  bhreith  air 
daoine  eile  eadhon  an  uair  nach  robh  an 
gniomharan  agus  am  barailean  a  reir  inntinn 
fhein.  Anns  na  comhairlean  agus  comuinn  de 
an  robh  e  'n  a  bhall  cha  robh  e  bras  gu  cainnt 
mar  a  tha  cuid  ;  ach  an  uair  a  ruigteadh 
snaim  a  bhiodh  doirbh  fhuasgladh,  an  sin 
thigeadh  e  's  an  eadraiginn.  Bha  e  air  leth 
ealamh  gu  rathad  reidh  fhaicinn  troimh 
amladh-deasbuid  agus  gu  facal  sitheil  a 
labhairt   a   chiiiinicheadh   conspaid. 

BhuUicheadh  air  Calum  MacLeoid  gibhtean 
inntinn  a  bha  sonraichte,  agus  rinn  e  Ian 
fheum    dhiubh    ann    an    seirbhis    aobharan 


maithe.  Bha  e  fiosrach  ann  an  litreachas 
na  Beurla,  ach  b'fhearr  leis  gu  mor  seann 
leabhar  dearbhta  a  leughadh  a  rithisd  seach 
a  bhi  slugadh  a  h-uile  rud  tir  is  annasach  a 
chuirear  an  clo.  Air  litreachas  agus  each- 
draidh  nan  Gaidheal  bha  e  min-eolach.  An 
uair  a  theannadh  e  gu  oraid  a  sgriobhadh 
no  a  liubhairt,  ann  am  Beurla  no  ann  an 
Gaidhlig,  is  tearc  iad  a  thigeadh  an  uisge  na 
stiurach  aige  ann  a  bhi  cur  an  ceill  a  smuaint- 
ean  ann  am  briathran  taitneach  agus  freag- 
arrach  air  an  cur  an  altaibh  a  cheile  gu 
snasail  agus  gu  grinn.  Daoine  briathrach 
cha  b'fhiil  leis,  agus  chan  abradh  e  fhein 
aon  fhacal  a  chorr  na  bha  feumail.  Anns 
a'  choinneamh-iirnuigh  b'ann  le  briathran 
simplidh  agus  drdidhteach  a  threoraicheadh 
e  na  bha  lathair  gu  cathair  grais.  Cha  do 
phos  e  riamh,  ach  bha  aite  sonraichte  aige 
'na  chridhe  air  son  na  cloinne.  Bha  e  anab- 
arrach  laghach  riutha,  agus  chuireadh  iad 
aoibh  orra  ris.  B'e  a  thlachd  fad  mhoran 
bhhadhnaichean  gach  feasgar  Sabaid  a  bhi 
toirt  aoigheachd  taobh  a  theinntein  do 
dh'oileanaich  oga  Gaidhealach. 

Chan  'eil  neach  sam  bith  mu  thimcheall 
an  coir  a  radh  nach  deanar  an  gnothach  as 
aonais,  ach  tha  daoine  ann  a  tha  fagail 
beam  'n  an  deidh  nach  'eil  soirbh  a  lionadh. 
Dh'fhag  bas  ar  caraid,  Calum  MacLeoid, 
barrachd  is  aon  bhearn,  agus  chan  e  aon 
duine  a  lionas  iad  uile.  Chan  'eil  air  faire 
a  choimeas  idir.  Duine  ciiiin  agus  caomh, 
iriosal  agus  sua.irce,  cairdeil  agus  baigheil, 
chaith  e  a  bheatha  thalmhaidh  mar  dheagh 
stiubhard  a'  ghrais  agus  nam  buadhan  a 
thugadh  dha.  Lean  e  gu-  dluth  ri  cliii  a 
shinnsre,  agus  ghleidh  e  an  cliii  sin  gun 
smal.  'S  e  a  bha  ann  duine  maith  air  am  bi 
ionndrainn  mhor  am  measg  iomadh  seorsa 
dhaoine,  ach  gu  sonraichte  ann  an  Eaglais 
Ghaidhlig  Ghovan.  Tha  sinn  a'  toirt  taing 
do  Dhia  air  son  a  bheatha,  a  sheirbhis  agus 
fhianuis,  agus  air  son  an  eisimpleir  a  dh'fhag 
e  'n  a  dheidh.  "Air  chuimhne  gu  brath 
bithidh  am  firean." 


Aig  an  Uinneig 


THA  triuir  dhaoine  a  shiubhail  o  chionn 
ghoirid  air  am  bu  mhaith  leann  iomradh  a 
dheanamh  air  an  duUleig  so  a  chionn  gu 
bheil  moran  d'  ar  luchd-leughaidh  eolach 
air  an  ainm  agus  air  an  obair ;  Calum 
MacLeoid,  Criosdean  Sinton,  agus  Coinneach 
Mac  GiU-Fhinnein. 


Calum  MacLeoid 

Air  duilleig  eile  tha  an  t-Urramach  Tomas 
M.  Mac  Calmain,  M.A.,  ministear  a'  choimh- 
thionaU  anns  an  robh  e  'n  a  fhoirbheach,  ag 
innseadh  mu  Chalum  MacLeoid,  agus  an 
seorsa  duine  a  bha  ann,  cho  cothromach 
agus  cho  f ior  's  nach  ruig  mise  a  leas  dad 


AIG  AN  UINNEIG 


a  chur  ris  na  sgriobh  esan,  ach  a  mhain  a 
radh  nach  robh  Gaidheal  eile  againn  air  am 
bi  uiread  ionndrainn  ann  an  cuirtean  na 
h-eaglais  no  anns  a'  Chomunn  Ghaidhealach- 
's  a  bhios  air  .Calum  MacLeoid.  Chan  e 
mhain  gu  robh  e  eudmhor  a  thaobh  na 
Gaidhhg  agus  na  Gaidhealtachd  agus  a 
tlfaobh  na  h-eaglais  agus  a  h-obair  ach  bha 
eolas  agus  tuigse  agus  rian  'na  eud  agus  na 
chomhairle  daonnan.  Bha  a  ghhocas  agus 
a  threibhdhireas  a'  toirt  cudthrom  agus 
tighdarras  d'a  fhacal  anns  gach  comunn 
anns  an  suidheadh  e,  agus  bha  a  chiiiine 
agus  an  uaisle  a  bha  ann  gu  nadurra  'g  a 
dheanamh  furasda  do  dhaoine  eile  gnothuch 
a  bhi  aca  ris.  Fior  dhuin-uasal  agus  comh- 
airliche  maith  a  bha  ann  an  Calum  MacLeoid, 
ach  na  b'  fhearr  na  sin  uUe,  bha  e  'n  a  dhuine 
iriosal  agus  diadhaidh. 

An  t-Urramach  T.  C.  I.  Sinton,  M.A. 

GED  nach  bu  mhinistear  Gaidhealach  Mghr- 
Sinton  bu  mhaith  leam  ainmeachadh  air  an 
duQleig  so  air  sgath  'athar,  oir  b'  aithne  do 
mhoran  d'  ar  luchd-leughaidh  an  t-Ollamh 
Tomas  Sinton,  a  bha  an  Dubhras  an  Cleir 
Inbhir-nis,  is  tha  mi  gle  chinnteach  gu'n 
robh  iad  duilich  a  chluinntinn  gu'n  do 
shiubhaU  a  mhac  an  deireadh  October  an 
ceann-a-tuath  Africa,  agus  e  a  mach  leis  an 
arm  mar  mhinistear-feachd.  Bha  e  an  sgir 
Stanley,  am  Peairt,  fad  dheich  bliadhna,  far 
an  robh  meas  mor  aig  a  h-uile  duine  air, 
agus  gaol  mor  aig  an  oigridh  air,  oir  bha  e 
niar  aon  dhiubh  fhein,  gun  cridhe  fosgailteach 
a'  bhalaich  no  doighean  laghach  na  h-6ige  a 
chall  riamh.  Bha  talantan  maith  aige  gu 
nadurra,  is  cha  robh  e  duilich  dha  rud  air 
bith  ris  an  leagadh  e  'inntinn  a  dheanamh, 
ach  cha  robh  iarraidh  aige  air  a  bhi  mor,  no 
gaol  aige  air  gioir  no  inbhe  shaoghalta,  agus 
eadhon  anns  an  sgoil  agus  anns  an 
oilthigh  b'  fhearr  leis  a  bhi  a'  cluich  le 
chompanaich  seach  a  bhi  a'  raiteachas  riu. 
Cha  robh  dad  idir  ann  dheth  fhein  ;  bha  e 
cho  modhaU  ri  maighdinn,  agus  ciod  air 
bith  a  ghabhadh  e  os  laimh  bhiodh  eagal 
air  nach  deanadh  e  e  ceart.  Ach  bha  e 
coibhneil  agus  freasdalach  agus  laghach  os 
cionn  a  chumantais,  agus  sin  an't-aobhar  gu 
robh  uiread  gaoil  againn  uile.aii". 

Bha  e  greis  'n  a  fhear-cuideachaidh  agam- 
sa,  agus  ruitheadh  e  air  an  uisge  'g  am 
thoileachadh.  Ach  bha  gaol  agam  air  mar 
ghaol  athar  air  a  mhac,  agus  bha  naidheachd 
a  bhais  goirt  dhomh.  Cha  robh  e  ach  seachd 
deug  air  fhichead  an  uair  a  shiubhail  e. 


An  t-Urramach  Coinneach  Mac  Gill- 
Fhinnein 

GED  a  shiubhail  e  ann  an  Canada,  far  an 
deachaidh  e  air  ais  o  chionn  beagan  bhliadh- 
nachan,  tha  cuimhne  aig  moran  anns  a' 
Ghaidhealtachd,  agus  gu  sonruichte  anns  na 
h-EUeanan,  air  an  duine  ghasda  so. 

Bhuineadh  e  do  na  Hearadh,  is  bha  e 
posda  ri  ban-Hearach,  nighean  do  Thormod 
Mac  Leoid  a  bha  'n  a  mharsanta  anns  an 
Tairbeart  agus  'n  a  eildear  anns  an  Eaglais 
Shaoir.  Chuir  iad  seachad  cuid  mhaith  d' 
am  beatha  ann  an  China,  ann  an  aobhar  an 
t-soisgeil,  agus  'n  a  dheidh  sin  an  Canada, 
ach  an  uair  a  bha  na  h-eaglaisean  air  an 
aonadh  an  Canada  thainig  e  air  ais  do  'n 
diithaich  so  a  ris,  agus  shaothraich  e  greis 
an  aite  no  dha  gus  an  robh  e  air  a  shuidh- 
eachadh  an  Labhar,  ri  taobh  Loch  Tatha. 
Shiubhail  a  bhean  ann  an  Labhar,  agus  an 
sin  chaidh  e  air  ais  do  Chanada. 

Bha  e  'n  a  shearmonaiche  maith  agus  'n 
a  dhuine  glic,  faiceallach,  air  an  robh  daonnan 
coslas  a  dhreuchd.  Cha  robh  e  usaideach  no 
briathrach  ach  an  uair  a  gheibheadh  tu  leis 
fhein  e  bha  e  seanchasach  agus  companta, 
agus  bha  a  sheanchas  daonnan  tiirail  agus 
taitneach.  Duine  reidh  ciallach  a  choimhlion 
a  mhinistrealachd  shoisgeulach  gu  dileas  agus 
gu  samhach  agus  gu  sitheU',  b'e  sia  Coinneach 
Mac  GUl-Fhumein. 


An  Raidheachan  Soisgeulach 

Mar  is  abhaist  tha  biadh  do'n  inntinn 
agus  do'n  anam  anns  an  aireamh  so  de  'n 
Raidheachan  so ;  seanchas  mu  shoisgeul 
Eoin,  agus  mu  losephus,  agus  mu  Iain 
Calvin,  agus  mu  'n  Dealachadh  an  1843, 
agus  mu  chuspairean  eile  le  deagh  sgoUeafan. 
Ach  is  e  an  da  phaipear  as  luaithe  a  thairngeas 
aire  luchd-leughaidh  am  paipear  a  sgriobh 
an  t-Ollamh  Alasdair  Ros,  an  CoUaist  na 
Eaglaise  Saoire,  an  Dim-eideann,  mu  'n 
Litir  a  bha  air  a  sgriobhadh  chum  nan 
Eabhruidheach,  agus  am  paipear  anns  a 
bheil  an  t-Ollamh  Daniel  Mac  Laomuinn, 
anns  a'  Chollaist  Nuadh,  ag  radh  gu  'n  do 
chain  an  eaglais  anns  an  linn  so  an  ealain 
a  bha  aice  aon  uair  air  an  t-soisgeul  a  shear- 
monachadh  le  cumhachd  agus  peacaich  a 
thiomidadh  gu  Dia.  Tha  sin  fior,  ach 
theagamh  gur  e  an't-aobhar  dha  nach  'eil  a 
mhor-chuid  de  dhaoine  a'  creidsinn  gu  bheil 
feum  air  bith  aca-san  air  a  bhi  air  an  tearn- 
adh  le  Dia,  agus  gu  'm  faodar  an  gnothach 
fhagail  eadar  iad  fhein  agus  Sir  Uilleam 
Beveridge. 


6 


AIG  AN  UINNEIG— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHK 


An  uair  a  stadas  an  eaglais  de  Fhacal  Dhe 
mu  pheacadh,  agus  mu  fhireantachd,  agus 
mu  bhreitheanas,  a  Kubhairt,  no  ma  stadas 
i  de  bhi  a'  gairm  dhaoine  gu  aithreachas 
a  thaobh  Dhe  agus  creideamh  a  thaobh  an 
Tighearn  losa  Criosd,  agus  a  thoisicheas  i  air 
rioghachd  Dhe  a  chur  au*  chois  le  comhfhurt- 
achdan  na  feola  a  thairgsinn  dhaibh,  sith 
agus  pailteas  agus  sonas  anns  a^'  bheatha  so, 
ciod  a  theh  Dia  rithe  ach  an  ni  a  thubhairt 
e  o  shean,  "  Leighis  iad  lot  nighinn  mo 
shluaigh-sa  gu  faoin,  ag  radh,  Sith,  Sith  ; 
agus  gun  sith  ann." 

Troinih  na  linntean  is  e  an  uireasbhuidh 
fhein  a  bha  a'  tarruing  dhaoine  gu  Dia,  ach 
eadar  an  oidhirpean  fein  agus  innleachdan 
luchd-ealain  agus  ciiram  mathaireil  na  Staide, 


tha  uiread  thighean-fasgaidh  aig  cuirp  agus 
anamanna  dhaoine  an  diugh  's  nach  'eil  iad  a' 
faireachdainn  gu  bheil  feum  aca  air  Dia  no 
air  an  t-soisgeul.  Coltach  ri  eaglais  Laodicea 
tha  iad  ag  radh,  "  Tha  mi  beartach,  agus  air 
fas  ann  an  saoibhreas,  agus  gun  fheun  agam 
air  ni  air  bith  ;  agus  gun  f  hios  agad  gu 
bheil  thu  doruinneach  agus  truagh,  ag^is 
bochd,  agus  dall,  agus  lomnochd." 

Ged  is  duilich  do  shearmonaiche  a  dhean- 
amh  (cho  duilich  's  nach  urrainn  e  a  dhean- 
amh  idir  mur  bheil  an  Spiorad  Naomh  ag 
oibreachadh  maille  ris)  is  e  a'  chrioch  a  bu 
choir  a  bhi  againn  anns  a'  chubaid  an  diugh 
an  truaighe  agus,  am  bochdainn,  agus  an 
doille  fhein,  a  dhearbhadh  air  peacaich  a  tha 
gun  eolas  air  Criosd  ar  Sl^nuighear. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


ANN  an  aon  de  ghlinn  na  Gaidhealtachd 
bha  boirionnach  aig  an  robh  aon  mhac.  Cha 
robh  a'  fuireach  leo  ach  iad  fhein,  ach  an 
uair  a  thainig  am  mac  gu  aois  posaidh,  leag 
e  %  shiiil  air  te  a  bha  anns  a'  choimhears- 
nachd  agus  rinn  iad  suas  gu'm  posadh  iad. 

B'  fhearr  le  mhathair  a  bhean  a  leigeil  a 
steach  leis  seaeh  dealachadh  ris,  agus  is  e 
sin  a  rinneadh.  Bha  an  t-seana  bhean  'n  a 
boirionnach  glic,  agus  chuir  i  roimhpe  gu'm 
biodh  i  ciiiin  agus  coibhneil  ris  a'  mhnaoi 
oig,  ach  nach  tugadh  i  dhith  a  h-inntinn 
gu  buileach  no  gu  saor  gus  an  cuireadh  i 
dearbhadh  oirre  feuch  an  rachadh  aice  air 
sgeul-rhin  a  ghleidheadh. 

La  de  na  laithean  thubhairt  i  rithe  gu'm 
bu  mhaith  leatha  rud  sonruichte  innseadh 
dhi  ann  an  diubhrais,  na'n  gealladh  i  a 
cheiltinn,  agus  gun  innseadh  do  dhuine  beo. 
Bhoidich  a'  bhean  og  gu'm  biodh  i  cho 
tosdach  ris  an  uaigh  agus  nach  innseadh 
i  e  eadhon  d'a  ceile-posda. 

An  sin  dh'  innis  an  t-seana  bhean  dhi  ann 
an  cagar,  mar  gu'm  bu  rud  e  nach  gabhadh 
bruidhinn  air  os  cionn  a  h-analach,  ciod  a 
thachair  dhi  an  uair  a  bha  fiughair  aice  ris 
a'  cheud  leanabh  an  deidh  posaidh.  "  Chan 
e  leanabh  a  rug  mi  idir  ach  cat ;  ach  is  e 
sin  rud  nach  'eil  fhios  aig  duine  eile  air 
thalamh  air,  agus  b'  fhearr  leam  a  bhi  marbh 
na  gu'n  cluinneadh  anam  beo  e." 

Chuir  an  rud  a  chual  i  ionghnadh  cho  mor 
air  a'  mhnaoi  oig  's  nach  b'  urrainn  dhi  gun 
a  bhi  a'  smuaineachadh  air  gun  sgur,  ach 
thug  i  a  mionnan  gu'n  ceileadh  i  e,  agus  bha 
i  a'  ciallachadh  a  cheiltinn. 


Dearbhadh  cruaidh. 

Ach  tha  mic  Adhaimh,  agus  gu  sonruichte, 
nigheanan  Eubh,  anfhann  agus  eu-dionach, 
agus  cha  robh  an  diomhaireachd  uamhasach 
ud  idir  cho  furasda  a  chumail  aice  fhein  's 
a  bha  i  an  diiil.  Cha  robh  uair  a  rachadh  i 
a  sheanchas  r'a  coimhearsnaich  nach  biodh 
an  sgeul-riiin  ud  aig  dorus  a  beoil,  ag  iarraidh 
a  mach,  agus  air  uairean  dh'  fheumadh  i  a 
lamh  a  chur  air  a  bilean  air  eagal  gu'n  toisich- 
eadh  iad  air  an  naidheachd  innseadh  leo 
fhein,  gun  chead  a  toile. 

Bha  eagal  aice  roimh  a  mathair-cheile, 
agus  chuidich  sin  leatha  fuireach  samhach, 
ach  mu  dheireadh  dh'  fhas  e  cho  duilich  dhi 
an  naidheachd  a  chleith  's  gu'n  robh  i  a' 
faireachduinn  gu'n  sgaineadh  i  na'n  cumadh 
i  aice  i  na  b'  fhaide,  agus  oidhche  an  sin 
leum  i  a  mach  agus  sheas  i  air  cnoc  beag  a 
bha  aig  ceann  an  tighe,  agus  labhair  i  mar 
so  ris  na  rionnagan, 

A  rionnaig  's  a  reuUaig  bhreac 
Bug  mo  mhathair -cheile  cat. 

Ach  chuala  tuilleadh  agus  na  rionnagan  an 
rud  a  thubhairt  i ;  lean  a  mathair-cheile  a 
mach  i,  agus  gus  a  leigeil  fhaicinn  dhi  gu'n 
do  rug  i  oirre  anns  a'  chionta,  fhreagair  i, 

A  bhrionnaig  's  a  bhreugaig  bhochd 
Chan  e  rug  mi  fein  ach  mac. 

Bha  a'  bhean  6g  air  a  narachadh  ;  air  a 
narachadh  gu'n  deachaidh  i  an  cois  a  geall- 
aidh,  agus  air  a  narachadh  nach  b'  urrainn 
dhi  sgeul-rtiin  a  chleith. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Ciod  e  do  bharail  ? 

Co  de'n  dithis  bhoirionnach  ud  a  bha  anns 
a'  choire  ;    c6  aca  a  ghabhadh  tu  a  taobh  ? 

Ghabhainn-sa  taobh  na  te  oig.  Ged  bhiodh 
an  rud  fior  cha  robh  gnothuch  air  bith  aig 
an  t-seann  te  deuchainn  mar  sud  a  chuir  air 
bean  a  mic,  deuchainn  ris  nach  seasadh  ach 
fear  anns  an  fhichead  agus  bean  anns  a' 
mhile.  An  aite  a  bhi  cut  sios  oirre  theirinn-sa 
gu'n  do  rinn  an  creutair  truagh  a  fhuair  an 
sgeul-ruin  ud  gle  mhaith  ;  cheil  i  fad  sheach- 
duinnean  sgeul  uamhasach  a  gheibheadh 
eisdeachd  dhi  ann  an  comunn  air  bith 
anns  an  toihcheadh  i  suidhe,'  eisdeachd  a  b' 
fhearr  na  gheibh  minis  tear  an,  agus  an  uair 
a  dh'  fhairtKch  oirre  cumail  oirre  fhein  na 
b'  fhaide  rinn  i  innleachd  air  faochadh 
fhaotainn  ann  an  doigh  nach  deanadh  cron 
d'a  mathair-cheile. 

Ann  an  aon  seagh,  cha  deachaidh  i  ann 
an  cois  a  facaU  idir,  oir  cha  d'  innis  i  e  do 
dhuine  bed.  Chan  innis  na  h-eoin  no  na 
rionnagan  an  rud  a  chluinneas  iad.  Bu 
mhaith  do'n  t-saoghal  na'n  gabhadh  daoine 
nach  h-urrainn  dad  a  chleith  an  doigh  ud 
air  faochadh  fhaotainn  bho  an  an-shocair  a 
bhios  'n  an  inntinn  agus  'n  am  feoil  an  uair 
a  bhios  rud  aca  r'a  innseadh ;  na'n  rachadh 
iad  suas  air  mullach  cnuic  agus  an  ditibhrais 
a  dheanamh  ri  bodach  na  gealaich,  no  ris  na 
fir-chHs,  no  ris  a'  ghrioglachan. 

Daoine  tosdach 

Bha  na  seana  Ghaidheil  a'  cur  meas  mor 
air  daoine  ceillidh,  daoine  ris  am  faodadh 
tu  rud  diomhak  earbsadh  gun  eagal  gu'n 
glaodhadh  iad  air  mullach  nan  tighean  e. 
Theireadh  iad  mu  dhuine  a  bha  luath  'n  a 
theangaidh.  Ceilidh  e  an  rud  nach  'eil  fhios 
aige  air.  Theireadh  iad  cuideachd,  gur  maith 
na  fiaclan  a  bhi  roimh  'n  teangaidh,  a'  ciall- 
achadh  gu  bheil  an  teanga  'n  a  baU  cho 
aotrom  luasganach  's  gur  fheau-rd  i  garradh 
a  bhi  roimhpe. 

Bha  meas  mor  air  daoine  samlfach  ceilteach 
anns  an  t-seann  t-saoghal  air  fad,  gu  son- 
ruichte  anns  an  Roimh  ;  dh'  fhaodainn  leth 
na  h-oidhche  a  chur  seachad  ag  innseadh 
mu  dhaoine  air  an  do  chuir  lompairean  na 
Roimhe  urram  a  chionn  gu  robh  iad  tosdach- 

Tha  e  air  a  radh  nach  d'  fhuaras  aon  duine 
am  measg  seanairean  na  Parlamaid  anns  an 
Roimh,  fad  ochd  ginealan,  a'  tuisleachadh  le 
theangaidh.  Air  uairean  bhiodh  na  seanairean 
a'  toirt  a  steach  an  cloinne,  gu  sonruichte  am 
mic  a  bu  shine,  do  aite  na  Comhairle,  a  chum 
gu'm  faiceadh  iad  ciamar  a  bha  cuisean  air 


an  socruchadh.  Am  measg  nam  balach  sin 
bha  fear  d'  am  b'  ainm  Papyrius  Praetextatus, 
agus  tha  an  naidheachd  so  air  innseadh  uime- 
san.  Bha  na  seanairean  a'  deasbud  mu  ni- 
eigin  fad  an  latha  gun  ceann-criche  a  chur 
air  ;  thubhairt  fear-na-cathrach  gu'm  biodh 
a'  chilis  cheudna  air  am  beulaibh  am  maireach 
ach  nach  robh  maith  dhaibh  innseadh  ciod  a 
bha  iad  a'  bruidhinn  air  gus  am  biodh  e  uile 
air  a  shocruchadh. 

Innleachd  a'  bhalaich. 

An  uair  a  chaidh  Papyrius  dhachaidh  dh' 
fhaighnich  a  mhathair  dheth  ciod  a  bha  na 
seanairean  a'  deanamh  an  diugh.  Thubhairt 
esan  nach  robh  maith  dha  sin  innseadh.  Bu 
mhoid  a  dhtiisg  sin  feorachas  a  mhathar  ;  le 
briodal  is  brosgul  chaidh  i  'n  a  charamh 
feuch  am  faigheadh  i  a  mach  sgeul-riiin 
nan  seanairean.  Mu  dheireadh  thubhairt  e 
rithe  gu'n  innseadh  e  dhith  ciod  a  bha  na 
seanairean  a'  feuchainn  ri  shocruchadh ; 
"  bha  iad,"  ars  esan,  "  a'  deasbud  co  dhiti 
a  b'  fhearr  do'n  rioghachd  da  bhean  a  bhi 
aig  a  h-uile  fear  no  da  fhear  a  bhi  aig  a 
h-uile  mnaoi." 

Leum  a  mhathair  a  mach  as  an  tigh,  agus 
an  oidhche  sin  fein  cha  robh  aon  de  mhnathan 
nan  uaislean  aig  nach  robh  fhios  gu  robh 
am  fir  ag  radh  anns  an  t-seanadh  gu'm  b' 
fheairrd  iad  fhein  agus  an  rioghachd  da 
bhean  a  bhi  aca. 

Am  maireach,  m'an  d'  fhosgladh  an  sean- 
adh,  bha  reiseamaid  de  bhoirionnaich  aig  an 
dorus  agus  iad  air  druim  dearg  a'  chuthaich, 
is  b'  fheudar  do  Phapyrius  innseadh  do  na 
seanairean  mar  a  thubhairt  e  r'a  mhathair. 

Thug  an  rud  a  rinn  an  gille  beag  gaire  orra, 
is  mhol  iad  e  air  son  a  thosdachd  agus  a 
gheiread,  agus  an  sinn  rinn  iad  lagh  nach 
fhaigheadh  clann  sheanairean  a  steach  do'n 
Pharlamaid  tuilleadh,  ach  a  mhain  Papyrius 
Praetextatus. 

Uair  a  dh'  fhaighnich  duine-eigin  de 
Mhetellus,  aon  de  chomandairean  na  Roimhe, 
ciod  a  bha  e  am  beachd  a  dheanamh  anns  a' 
chogadh,  fhreagair  Metellus  "  na'n  robh  mi 
an  diiil  gu'm  b'  aithne  d'  am  leine  an  run  a 
tha  'n  am  inntinn  chuirinn  dhiom  i  is  loisginn 
i."  Nach  b'e  sud  an  duine  a  fhreagradh  air 
Stalin  ! 

Am  fasan  ur 

Ach  ma  bha  tosdachd  ah  a  chunntas  mar 
fhireantachd  ann  an  daoine  anns  an  t-seann 
t-saoghal  tha  mi  an  duil  nach  'eil  uiread 
meas  air  an  diugh.     Theagamh  nach  'eil  e 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


furasda  dhuinn  breith  chothromach  a  thabh- 
airt  ann  an  cuis  de  'n  t-seorsa  so,  agus  cha 
bu  mhaith  leam-sa  a  radh  nach  'eil  uiread 
dhaoine  aim  am  Breatumi  as  urrainn  sgeul- 
ruin  a  chumail  's  a  bha  riamh  amis  an  Roimh 
no  ann  an  aite  air  bith  eile,  ach  air  a  shon 
sin,  an  uair  a  sheallas  mi  thairis  air  na  leabh- 
raichean  a  tha  air  an  cur  a  mach  'n  am 
ficheadan  an  diugh,  ag  innseadh  ciod  a 
thubhairt  an  duine  ud  mu'n  duine  ud  eile, 
a'  toirt  dhuinn  gach  goileam  is  goileab  a 
chualas  ann  an  seomraichean  uaigneach  leis 
an  fheadhainn  a  sgriobh  iad,  feumaidh  mi 
a  radh  mu  mhoran  de  luchd-a-phinh  nach 
ceil  iad  ach  an  rud  nach  'eU  fhios  aca  air. 


Theagamh  nach  'eil  arms  an  rud  so  ach 
fasan  tir,  fasan  a  theid  seachad  gu  goirid 
mar  a  chaidh  droch  fhasain  eile  seachad,  ach 
tha  e  a'  milleadh  dhaoine  'n  an  cridhe  agus 
'n  an  coguis,  a'  deanamh  an  cridheachan 
cruaidh  agus  a'  deanamh  an  coguisean  maol. 

Coma  leam  daoine  air  am  bi  aileag  gus  an 
innis  iad  a  h-uUe  facal  a  chuala  iad  ;  chan 
'eil  annta  ach  daoine  eunnartach,  agus  daoine 
a  dhealaicheas  cairdean.  Is  maith  an  comh- 
arraidh  e  air  duine  air  bith  srian  a  bhi  aige 
air  a  theangaidh.  Chan  'eil  doigh  eile  anns 
a  bheil  daoine  a'  briseadh  lagh  a'  chairdeis 
agus  lagh  na  suairce  cho  trie  's  a  tha  iad  'g 
a  dheanamh  le  luathas  na  teangaidh. 


An  Trianaid  Shiorruidh 


A   SHLOIGH   na   cruinne,  gach   fine    agus      Do'n  Mhac  a  bha'm  broilleach  an  Athar  o 


cainnt, 
Molaibh  an  Trianaid  Shiorruidh  : 
Fosglaibh  bhur  bilean  gu  cridheil  toirt  taing 

Agus  gloir  do'n  Trianaid  Shiorruidh  : 
Do'n  Dia  a  tha  bithbhuan  'na  bhith  is  na 

ghne, 
Is  e  an  Ti  ceudna  an  diugh  is  an  de, 
A  runaich,  a  chruthaich,  's  a  dh'ordaich  an  ce, 
Thoireamaid  gloir  gu  siorruidh. 

Do'n  Athair  th'air  cathair  na  cruinne   'na 
righ, 
Air  muu"  is  air  tir  a'  riaghladh  ; 
An  Dia  tha  neo-chruthaicht,  's  a  chruthaich 
gach  ni, 
Le  gliocas  is  cumhachd  a  dhiadhaqhd  ; 
Dhasan  thug  bith  dhuinn,  's  a  dhealbh  sinn 
'na  chruth, 


thiis, 

Thoireamaid  cliti  gu  siorruidh  ; 
Fior    iomhaigh  a  Phears'   agus  deahadh  a 
Ghntiis, 
Fior  ghloir  neo-chruthaicht  na  diadhachd  ; 
A  ghradhaich,  's  a  thainig,  mar  anrach,  'na 

iochd, 
A  shireadh,  's  a  thearnadh,  gach  al  de  ar 

sliochd, 
A  bhasaich  'n  ar  'n  aite,  's  tha  ardaicht  'n  ar 
riochd, 
Togamaid  gloir  gu  siorruidh. 

Do'n  Spiorad  thug  beath'  do  gach  anam  tha 
bed, 

'S  e  bith  agus  deo  na  diadhachd  ; 
A  thtiirhng  aig  Caingis,  mar  thein'  as  na  neoil, 

Le  beannachdan  mor  ro-fhialaidh  ; 
Tha  dearbhadh  air  peacaich  an  ciont  is  an 


Le  bu^adhiin  gu  cluinntinn  's  gu  tuigsinn  a  ^j^^  foUlsLchadh  Chriosd  'na  a  bhas  a'  toirt 

Bha  soiUseachadh  inntinn  nan  hnn  gus  an  xha    naomhachadh    beath'    agus    anam    a 

diugh,  shluaigh  ; 

Thoireamaid  gloir  gu  siorruidh.     ,  Seinneamaid  duain  bhitheas  siorruidh. 


Do'n  Athair,   do'n  Mhac,   is  do'n   Spiorad, 
'nan  aon, 
Co-mhaireann  an  aonachd  shiorruidh, 
Tha  foillsicht  's  an  fhacal  do  spiorad  chlann 
daoin, 
Ro-bheannaicht,  ro-naomh,  ro-dhiadhaidh: 
Co-ionnan  an  gliocas,  an  cumhachd,  an  gradh. 
Am  firinn,  an  ceartas,  am  beartan  an  lamh, 
A  chleachdas  am  feartan  gu  h-achdaidh  gu 
brath, 
Thugamaid  gloir  bhitheas  siorruidh. 


Alasdair  Mac  Rath. 


Aireamh  i 


1944 


A'  Bhliadhna-tir 


"  A  BHLIADHNA-ur  an  diugh  agus  an 
t-Sabaid  am  maireach."  Ged  nach  'eil 
aithne  no  earail  anns  a'  Bhiobull  ag  iarraidh 
oirnn  la  na  bliadhna-uire  a  choimhead  bithidh 
an  1^  air  a  choimhead  air  a  shon  sin  leis  a 
h-uile  duine  a  leughas  an  duilleag  so  co 
dhiubh  a  choimhideas  iad  e  gu  glic  no  gu 
h-amaideach !  Ach  ged  tha  aithne  agus 
earailean  anns  a'  Bhiobull  ag  iarraidh  oirnn 
1^  na  Sabaid  a  choimhead  naomh,  agus  ar 
Cruithear  a  chuimhneachadh,  theagamh  gu'm 
bi  moran  de  na  na  choimheadas  a'  Bhliadhna- 
iir  gu  togarrach  an  diugh  nach  faicear  ann  an 
tigh  an  Tighearna  am  maireach,  ged  nach  e 
obair  na  trocair  no  na  h-eigin  a  chum  as  iad. 

C'aite  eile  am  b'  fhearr  duinn  toiseachadh 
air  obair  na  bliadhna  so  na  ann  an  tigh  an 
Tighearna,  ag  iarraidh  a  bheannachd  agus 
ag  iocadh  ar  boidean  as  ur  dha,  oir  as 
eugmhais  beannachd  an  Tighearna  tha  ar 
n-uile  shaothair  diomhain. 

"Ann  a'd  uile  shlighibh  aidich  e,  agus 
seolaidh  e^an  do  cheuman."  Sin  ceann- 
teagaisg  a  bhiodh  freagarrach  air  son  na 
ceud  Shabaid  de'n  bhliadhna,  ach  chan  e 
sin  an  ceann-teagaisg  a  tha  'n  am  bheachd-sa 
a  ghabhail  an  uair  a  thig  an  t-am,  ach  am 
fear  so,  "  Ar  Tighearn  losa  Criosd,  an  ti  a 
tha  beannaichte,  agus  a  mhain  cumhachdach, 
Righ  nan  righrean  agus  Tighearn  nan  tighe- 
arnan  ;  neach  'n  a  aonar  aig  am  bheil  neo- 
bhasmhorachd,  a  tha  'n  a  chomhmiidh  's  an 
t-solus  dh'  ionnsuidh  nach  feudar  teachd  ; 
neach  nach  faca  duine  sam  bith,  agus  nach 
mo  dh'  fheudas  e  fhaicinn,  dhasan  git'n  robh 
urram  agus  cumhachd  siorruidh." 

Cha  do  sgriobh  mi  dad  mu  na  briathraii 
so  fhathast,  ged  is  maith  leam  daonnan  a 
bhi  meomhrachadh  air  ceann-teagaisg  greis 
mhaith  roimh  laimh,  ach  tha  fhios  agam  gu 
maith  car  son  a  chuir  mi  sios  am  fear  so  'n 
am  leabhar-cuimhne  mu  choinneamh  an  dara 
la  de  lanuari.  Chuir  a  chionn  gur  e  so  am 
facal  mu  dheireadh  mu  losa  Criosd.  Mur  bheil 
so  fior  ;  mur  robh  Dia  ann  an  Criosd,  'n  a 
l^nachd  agus  'n  a  iomlanachd,  cha  bhiodh 
e    furasda    bun    no    b^rr    a    dheanamh    de 


theagasg  nan  abstol  agus  na  h-eaglais,  no 
de  'n  fhianuis  a  tha  an  Tiomnadh  Nuadh  a' 
toirt  uime. 

Air  la  na  Nollaige  anns  a  h-uile  eaglais 
tha  iomradh  air  a  dheanamh  air  daonTiachd 
Chriosd,  air  a  bhreith  rnar  leanabh  maoth 
ann  an  staid  iosal,  ach  air  ceud  Shabaid  na 
bliadhna  tha  e  iomchuidh  gu'm  biodh 
iomradh  air  a  dheanamh  air  a  dhiadhachd, 
agus  air  a  chumhachd  agus  uachdaranachd 
siorruidh.  Tha  ainm  naomh  agus  uasal-san 
OS  cionn  gach  ainm  eile  fo'n  ghrein,  agus  tha 
e  iomchuidh  gur  e  ainm  beannaichte  an 
t-Slanuigheir  a'  eheud  ainm  a  bhios  air  ar 
bilean  air  ceud  Shabaid  na  bliadhna. 

Bidh  ainm-san  buan  gu  suthain  sior 
co-mhaireann  ris  a'  ghrein  ; 

Is  annsan  beannaichear  gach  slogh, 
's  beannaichear  leo  e  fein. 

Anns  na  laithean  so  tha  sinn  mar  bha  Pol, 
"  fo  amhghar  air  gach  taobh  ;  an  leth-am- 
muigh  comhraig,  an  leth-a-stigh  eagal." 
Tha  aobhar  eagail  ann,  ach  is  e  acair  ar 
dochais  nach  ann  air  ar  guaillean-ne  a  tha 
riaghladh  an  t-saoghail  ach  air  guaillean  an 
Ti  a  tha  beannaichte  agus  a  mh^in  cumh- 
achdach, Righ  nan  Righrean  agus  Tighearn 
nan  tighearnan.  "  Bithidh  an  uachdaran- 
achd air  a  ghualainn  ;  agus  goirear  mar 
ainm  dha,  longantach,  Comhairliche,  an  Dia 
cumhachdach,  an  t-Athair  siorruidh,  Prionn- 
sa  na  sithe."  '  Faodaidh  na  cinnich  boil  a 
ghabhail,  agus  uachdarain  an  comhairlo  a 
chur  ri  cheile  an  aghaidh  an  Tighearna  ach 
le  seideadh  anail  an  Uile-chumhachdaich 
brisear  iad  'n  am  bloighdidh  mar  shoitheach 
criadhadair. 

Air  ceud  Shabaid  na  bliadhna,  ma  ta, 
abair  thusa  riut  fhein,  a  leughadair,  "  Air 
mo  shon-sa,  ann  an  lionmhorachd  do  thrdcair, 
thig  mi  steach  do  d'  thigh  ;  anns  a'  choimh- 
thional  beannaichidh  mi  an  Tighearna."  Tha 
e  an  da  chuid  ceart  agus  maith  gu'n  iarramaid 
beannachd  an  Tighearna  aig  toiseach  na 
bliadhna,  ach  tha  e  na's  fhearr  air  fad  gu'm 
beannaicheadh  sinne  esan. 


Ceud  sheachduin  na  bliadhna 


AIG  an  am  so  de'n  bhliadhna  bithidh  a' 
mhor-chuid  de  dhaoine  aig  a  bheil  coguis 
mhaoth  a'  cur  romhpa  nithean  a  bha  cearr 
'n  am  beatha  an  uiridh  a  chur  ceart  am 
bliadhna,  agns  tha  mi  gle  chinnteach  nach 
'eil  rud  eile  air  a  bheil  daoine  a'  deanamh 
niread  dearmaid  's  a  tha  iad  a'  deanamh 
air  iirnuigh,  agus  air  Facal  an  Tighearna. 
Mar  sin,  air  ceud  Shabaid  na  bliadhna,  abair 
thusa  riut  fhein,  a  leughadair,  "  Riut-sa,  a 
Thighearna,  glaodhaidh  mise,  agus  anns  a' 
mhaduinn  thig  m'  urnuigh  a'd  lathair." 
Agus  gus  do  dheasdanas  a  dheanamh  na's 
fhasa  dhuit,  ma  tha  e  duilich  dhuit  briathran 
freagarrach  fhaotainn  as  do  cheann  fhein, 
tha  mi  a'  cur  sios  air  an  duilleig  so  urnuigh 
ghoirid  air  son  gach  la  anns  an  t-seachduin, 
agus  earrann  fhreagarrach  as  a'  Bhiobull  air 
thoiseach  air  an  urnuigh. 

La  an  Tighearna 

Ach  mairidh  trocair  Dhe  gu  sior 

do'n  dream  d'an  eagal  e. 
Is  fos  do  chloinn  an  cloinne-san 

bidh  fhireantachd  gach  re. 

— Salm  ciii.  17. 


larraibh,  agus  bheirear  dhuibh  :  siribh, 
agus  gheibh  sibh  :  buailibh  an  dorus,  agus 
fosgailear  dhuibh  :  oir  gach  uile  neach  a 
dh'iarras,  glacaidh  e  :  agus  ge  b'e  a  shireas, 
gheibh  e  :  agus  do'n  ti  a  bhuaileas  an  dorus, 
fosgailear.  Oir  c6  an  duine  agaibh-sa,  ma's 
e's  gu'n  iarr  a  mhac  aran,  a  bheir  clach  dha  ? 
Agus  ma's  iasg  a  dh'  iarras  e,  an  tabhair  e 
nathair  dha  ?  Air  an  aobhar  sin  ma's  aithne 
dhuibh-se  a  tha  olc,  tiodhlacan  maithe  a 
thabhairt  do  bhur  cloinn,  nach  mo  na  sin  a 
bheir  'ur  n-Athair  a  tha  air  neamh  nithean 
maithe  dhaibh-san  a  dh'  iarras  air  iad  ? 

— Mata  vii.  7-11. 

Urnuigh 
Buidheachas  a  bhi  dhuit,  a  Thi  bheann- 
aichte,  gu  bheil  do  throcair  cho  farsuing  ris 
a'  chuan,  agus  geallaidhean  t'  Fhacail  seas- 
mhach  o  linn  gu  linn.  Beannaich  dhuinn  an 
la  naomh  so  a  tha  a'  cur  'n  ar  cuimhne  deagh 
sgeul  an  t-soisgeil,  agus  an  teagasg  diadhaidh 
a  f  huair  sinn  'n  ar  n-6ige.  Chan  aithne  dhuinn 
urnuigh  a  dheanamh  mar  bu  choir  dhuinn, 
ach  cuidich  Thusa,  a  Dhe  ghrasmhor,  le  ar 
n-anmhuinneachd,  agus  thoir  dhuinn  do 
Spiorad  Naomh,  chum  agus  gu.'n  sir  sinn. 
bhuait  na  tiodhlacan  mgithe:  sin  a  bheath- 
aicheas  ar  n-anam,  tre  losa  Criosd  ar 
Tighearna.    Amen. 


Di-luain 

Ach  leanaidh  maith  is  trocair  rium, 

an  cian  a  bhios  mi  bed  ; 
Is  comhnuicheam  an  aros  Dhe, 

ri  fad  mo  re  's  mo  16. 

—Salm  xxiii.  6. 


Tha  na  h-uile  nithean  air  an  tabhairt 
thairis  dhomhsa  o  m'  Athair  :  agus  chan 
aithne  do  neach  air  bith  am  Mac,  ach  do'n 
Athair  :  ni  mo  is  aithne  do  neach  air  bith 
an  t-Athair,  ach  do'n  Mhac,  agus  do  gach 
aon  d'an  aill  leis  a'  Mhac  fhoillseachadh. 
Thigibh  am  ionnsaidh-sa,  sibhse  uUe  a  tha 
ri  saothair,  agus  fo  throm  uallach,  agus 
bheir  mise  suaimhneas  dhuibh.  Gabhaibh 
mo  chuing  oirbh,  agus  foghlumaibh  uam, 
oir  tha  mise  macanta  agus  iriosal  ann  an 
cridhe  :  agus  gheibh  sibh  fois  do  bhur 
n-anamaibh.  Oir  tha  mo  chuing-sa  so- 
iomchar,  agus  tha  m'uaUach  eutrom. 

—Mata  xi.  27,-30. 

Urnuigh 
A  Thighearn  losa,  ar  Slanuighear  agus  ar 
Righ,  is  ann  a  mhain  ann  ad  sholus-sa  a  chi 
sinne  solus-iiiU,  is  tha  sinn  a'  guidhe  gu'n 
tairngeadh  tu  sinn  'g  ad  ionnsuidh,  chum 
agus  gu'm  bitheamaid  air  ar  teagasg  leat, 
agus  gu'm  biodh  eolas  againn  air  Dia  mar  ar 
n-Athair.  Cruthaich  annainn  cridhe  glan, 
agus  ath-nuadhaich  spiorad  ceart  an  taobh 
a  stigh  dhinn,  chum  agus  nach  bi  sinn  air 
ar  dalladh  leis  a'  pheacadh,  oir  tha  t'  Fhacal 
ag  radh  gur  "  beannaichte  iadsan  a  tha  glan 
'n  an  cridhe,  oii"  chi  iad  Dia."     Amen. 

Di-m^irt 

Foillsich  do  shlighe  dhomh,  a  Dhe, 
a'd'  cheumaibh  teagaisg  mi ; 

Is  treoraich  mi  a'd'  fhirinn  ghloin, 
's  mo  theagasg  dean,  a  Dhe. 

— Salm  ccv.  4. 


Thubhairt  losa  riu,  Ge  b'e  neach  leis  an 
aill  teachd  a'm'  dheidh-sa  aicheadhadh  se  e 
fein,  agus  togadh  e  a  chrann-ceusaidh,  agus 
leanadh  e  mise.  Oir  ge  b'e  neach  leis  an  aill 
'anana  fein  a  choimhead,  caillidh  se  e  ;  ach 
ge  b'e  neach  a  chailleas  'anam  an  mo  shon-sa, 
agus  air  son  an  t-soisgeil,  coimhididh  esan  e. 
Oir  ciod  e  an  tairbhe  do  dhuine,  ged  chosnadh 
^e  an  saoghal  gu  h-iomlan,  agus  'anam  a  chall  ? 
No  ciod  a  bheir  duine  ann  an  eiric  'anama  ? 
Oir  ge  b'e  neach  a  ghabhas  naire  dhiom-sa, 
agus   de   m'   fhoclaibh,    anns   a'   ghinealach 


CEUD  SHEACHDUIN  NA  BLIADHNA 


adhaltrannach  agus  olc  so,  dheth-san  gabh- 
aidh  Mac  an  duine  naire,  an  uair  a  thig  e  an 
gloir  'Athar,  maille  ris  na  h-ainglibh  naomha. 
—Marc  viii.  34-38. 

Urnuigh 
Teagaisg  sinn,  a  Thighearna,  le  d'  Spiorad 
agus  le  d'  Fhirinn  gach  la,  air  eagal  agus 
gu'n  di-chuimhnich  sinn,  am  jneasg  driop 
agus  buaireas  an  t-saoghail,  luach  nan 
nithean  a  dh'  uUaich  thu  dhuinn  ann  an 
Criosd,  agus  diomhanas  nan  uile  nithean 
,eile  anns  an  t-saoghal  an  coimeas  ris  an 
t-shlainte  shiorruidh  a  tha  thu  a'  tabhatrt 
dhaibhsan  leis  an  aiU  Criosd  a  leantuinn, 
agus  au'  nach  'eil  naire  'ainm  aideachadh 
anns  an  t-saoghal.     Amen. 

Di-ciadaoin 

'S  e  Dia  mo  sholus,  is  mo  shlaint', 

CO  chuireas  eagal  orm  ? 
'S  e  neart  mo  bheatha  Dia  nan  diil, 

CO  chuireas  fait'cheas  fo'm  ? 

■ — ^Salm  xxvii.  1. 


Is  mise  an  fhionain  fhior,  agus  is  e  ni' 
Athair  an  treabhaiche.  Gach  uile  gheug 
annam-sa  nach  'eil  a'  gitilan  toraidh,  bheir 
e  air  falbh,  agus  gach  uile  gheug  a  tha  a' 
tabhairt  toraidh,  glanaidh  e  i,  chum  gu'n 
gitilain  i  tuilleadh  toraidh.  A  nis  tha  sibh-se 
glan  tre  an  fhocal  a  labhair  mi  ribh.  Fanaibh 
annam-sa,  agus  mise  annaibh-sa.  Mar  nach 
urrainn  a'  gheug  toradh  a  thoirt  uaipe  fein, 
mur  fan  i  's  an  fhionain,  cha  mho  is  urrainn 
sibhse,  mur  fan  sibh  annam-sa.  Is  mise  an 
fhionain,  sibhse  na  geugan :  an  ti  a  dh' 
fhanas  annam-sa,  agus  mise  ann-san,  bheir 
esan  mor-thoradh  uaith,  oir  as  m'  eugmhais- 
sa  chan  urrainn  sibh  aon  ni  a  dheanamh. 

— Eoin  XV.  1-5. 

Urnuigh 
Deonaich,  a  Thighearna,  gu'm  bi  sinn  air 
ar  n-aonadh  ri  Criosd  tre  chreideamh,  agus 
gu'm  bi  an  creideamh  sin  ag  oibreachadh 
annainn  gu  h-eifeachdach  chum  te^rnadh  ar 
n-anama.  Cuidich  leinn  Criosd  a  chumail  'n 
ar  smuaintean  re  an  la  so,  chum  agus  gu'm 
fuadaich  a  lathaireachd-san  uainn  na  peac- 
aidhean  a  tha  gu  furasd  ag  iadhadh  umainn, 
agus  gu'm  biodh  a'  bheatha  a  tha  annsan 
annainne  mar  an  ceudna.  Deonaich  gu'm 
bi  ar  creideamh  agus  ar  dochas  gach  la  a' 
dol  am  meud,  agus  gu'm  bi  sinn  a'  fas  mar 
an  ceudna  ann  an  gr^dh  braithreil,  ann  an 
irioslachd,  ann  am  faidhidinn,  agus  ann  an 
diadhaidheachd.     Amen. 


Di-ardaoin 

Le  hisop  dean-sa  mise  glan, 
is  bitheam  glan  gu  beachd  ; 

Dean  m'  ionnlaid  fos,  mar  sin  bidh  mi 
na's  gile  dhuit  na  sneachd. 

— Salm  h.  7. 


Tha  e  air  a  dhimeas,  agus  air  a  chur  air 
chill  le  daoinibh  ;  'na  dhuine  dhoilgheasan, 
agus  eolach  air  bron  ;  agus  mar  neach  a  dh' 
fholuicheas  'aghaidh  uainn,  tha  e  air  a 
dhimeas,  agus  chan 'eil  suim  againn  dheth. 
Gu  deimhin  ar  n-anmhuinneachd  ghiixlain  e, 
agus  ar  doilgheasan  dh'  iomchair  e  ;  ach 
shaoU  sinne  gu'n  robh  e  air  a  bhualadh,  air 
a  smachdachadh  le  Dia,  £^gus  air  a  chlaoidh- 
eadh.  Ach  lotadh  e  air  son  ar  peacaidh-ne  ; 
bhruthadh  e  air  son  ar  n-aingidheachdan  ; 
leagadh  airsan  smachdachdadh  ar  sith  ;  agus 
le  a  chreuchdaibh-san  shlanuicheadh  sinne. 
Chaidh  sinn  uile,  mar  chaoraich,  air  seachran  ; 
thionndaidh  sinn,  gach  aon  g'a  shlighe  fein  ; 
agus  leag  an  Tighearn  airsan  aingidheachd 
gach  aoin  againn. — Isaiah  liii.  3-6. 

Urnuigh 

A  Shlanuighear  bheannaichte,  a  dh'  fhuU- 
ing  pian  cuirp  agus  naire  a'  Chroinn-cheus- 
aidh  air  ar  son-ne,  tha  sinn  'g  ad  mholadh. 
air  son  do  ghniomharan  iongantach  do 
chloinn  nan  daoine.  Chan  airidh  sinne  gu'm 
biodh  iobairt  cho  luachmhor  air  a  tabhairt 
air  ar  son,  ach  tha  sinn  a'  guidhe  gu'n 
diiisgeadh  do  ghradh  iongantach-sa  fior 
aithreachas  'n  ar  cridheachan,  chum  agus 
gu'm  fuathaich  sinn  ar  peacaidhean  leis  an 
do  lotadh  Thusa.  Dean  trocair  oirnn,  a 
Dhia  nan  gras,  agus  dean  follaiseach  annainn 
cumhachd  do  ghrais  agus  do  Spioraid,  chum 
gu'm  faic  Criosd  annainn  eadhon  cuibhrionn 
beag  de  shaothair  anama,  agus  gu'm  bi  e 
toilichte.    Amen. 


Di-haoine 

'Chreag  a  sgoilteadh  air  mo  sgath, 
Bi  ad  fhasgadh  dhomh  's  ad  sta  ; 
Anns  an  uisge  's  anns  an  fhuil 
'Thaom  o  leon  do  chleibh  mar  thuil, 
Ionnlaid  uam  gach  peacadh  's  truaigh  ; 
Saor  o  chiont  an  uile  's  a  bhuaidh. 

— Laoidh. 


Agus  an  uair  a  cheus  iad  e,  roinn  iad  a 
thrusgan,  a'  tilgeadh  croinn  an,  ciod  a' 
chuid  a  bhiodh  aig  gach  duine  dheth.  Agus 
bha  an  treas  uair  ann,  agus  cheus  iad  e  : 
Agus  bha  sgriobhadh  a  chiiise-ditidh  air  a 


CEUD  SHEACHDUIN  NA  BLIADHNA— AIG  AN  UINNEIG 


sgriobhadh  os  a  chionn,  righ  nan  iudhach. 
Agus  cheus  iad  maille  ris  da  gliaduiche ; 
fear  air  a  l^imh  dheis,  agus  fear  air  a  laimh 
chli.  An  sin  choimhlionadh  an  sgriobtur  a 
thubhairt,  Agus  bha  e  air  aireamh  am  measg 
nan  ciontach. — Marc  xv.  24-28. 

Urnuigh 

A  Dhe  naoimh  agus  uile-bheannaichte, 
chan  'eil  tabhartas  no  iobairt  againne  leis 
an  tig  sinn  'g  ad  ionnsuidh-sa,  ach  a  mhain 
an  spiorad  briste  agus  bruite  a  tha  air  a 
dhusgadh  annainn  le  geur-mhothachadh  air 
ar  lochdan,  ach  buidheachas  a  bhi  dhuit  gu 
bheil  obair  na  saorsa  criochnaichte  a  chionn 
gix'n  do  bhasaich  Criosd  air  ar  son,  agus  a 
nis  nach  'eil  diteadh  sam  bith  ami  do'n 
mhuinntir  a  tha  ann  an  Criosd.  A  Shlanui- 
ghear  agus  a  Mhaighstir-gaoU,  bi  Thusa  a 
ghn^th  maille  ruinn,  'g  ar  treorachadh,  agus 
t  'g  ar  glanadh,  gus  am  bi  ar  nadur  air  a 
dheanamh  nuadh,  agus  am  bi  dochas  diadh- 
aidh  againn  aig  crioch  ar  turuis.     Amen. 

Di-sathuirn 

Ach  air  mo  shon-sa,  dearcam  air 

do  ghnuis  am  fireantachd 
Air  mosgladh  dhomh  lan-dhiolar  mi, 

a  Dhe,  le  d'  chosamhlachd. 

— Salm  xvii.  15. 


Ma  's  anns  a'  bheatha  so  a  mhain  a  tha 
d6chas  againn  ann  an  Criosd,  is  sinn  as 
truaighe  de  na  h-uile  dhaoinibh.  Ach  a  nis 
tha  Criosd  air  eirigh  o  na  marbhaibh,  agus 
rinneadh  dheth  an  ceud  thoradh  dhiubh-san 
a  choidil.  Oir  mar  is  ann  tre  dhuine  thainig 
am  b^s,  is  ann  tre  dhuine  thig  aiseirigh  nam 
marbh  mar  an  ceudna.  Oir  mar,  ann  an 
Adhamh,  a  tha  na  h-uile  a'  faghail  a'  bh^is, 
is  amhuU  sin  mar  an  ceudna  a  nithear  na 
h-uile  beo  ann  an  Criosd.  Ach  gach  uile 
dhuine  'na  ordugh  fein  :  Criosd  an  ceud 
thoradh  ;  'na  dheidh  sin  iadsan  as  le  Criosd 
aig  a  theachd. — I.  Corinth,  xv.  19-23. 


Urnuigh 

An  uair  a  tha  sinn  a'  faicinn  aon  as  deidh 
aoin  d'  ar  companaich  agus  d'ar  c^irdean 
gaoil  a'  dol  as  ar  sealladh,  agus  air  an  caradh 
anns  an  uaigh,  tha  sinn  'g  ad  mholadh,  a 
Thighearna,  gu'n  d'  thug  thu  dhiunn  beo- 
dhochas  tre  aiseirigh  losa  Criosd  o  na  mairbh. 
Air  dhuinn  an  dochas  laidir  so  a  bhi  againn, 
cuidich  leinn  a  bhi  seasmhach  agus  neo- 
ghluasadach,  a'  sior  bhuanachadh  ann  an 
obair  an  Tighearna.  Cuidich  leinn  mar  an 
ceudna  sinn  fein  a  ghlanadh  mar  chloinn 
Dhe  aig  a  bheil  an  dochas  so,  chum  gu'm 
bi  ar  triall  ann  an  sith  agus  gu'n  sealbhaich 
sinn  le  aoibhneas  an  t-aite  a  dh'  ullaich  thu 
dhuinn.     Amen. 

Urnuigh  roimh  Shuipear  an  Tighearna 

Athair  a  ta  air  neamh,  tha  sinn  'g  ad 
mholadh  gu  bheil  thu  'g  ar  cuireadh  a 
dh'ionnsuidh  do  bhiiird  naoimh,  gu  bhi  a' 
gabhail  aran  na  beatha,  ged  nach  'eil  sinn 
airidh  air  teachd  a'd  lathair.  Cuidich  leinn 
aithreachas  a  dheanamh  air  son  ar  peacaidh- 
ean  ;  glan  sinn  o  gach  truaillidheachd,  agus 
cuidich  leinn  iimhlachd  a  thoirt  d'  ad  reach- 
dan  naomha.  Thoir  duinn  gras  gu  bhi  a' 
tighinn  a'd  lathair,  le  urram  agus  irioslachd 
agus  eagal  diadhaidh,  aigus  gu  bhi  'g  ar 
coisrigeadh  fein  as  ur  do  sheirbhis  do  riogh- 
achd,  tre  losa  Criosd  ar  Tighearna.    Amen. 

Urnuigh  an  d^idh  Suipear  an  Tighearna 

Tha  sinn  'g  ad  mholadh,  a  Thighearna, 
gu'n  d'thug  thu  dhuinn  an  cothrom  priseil 
so  air  cuimhne  a  chumail  air  has  ar  Slanui- 
gheir,  agus  ar  boidean  iocadh  dha  gu'n  lean 
sinn  e  gu  dileas.  Deonaich  gu'm  bi  sinn 
seasmhach,  agus  gu'n  aithnichear  air  ar 
caitheamh-beatha  gu'n  robh  sinn  maille 
ris.  Ann  an  neart  an  loin  spioradail  a  fhuair 
sinn,  deonaich  gu'n  teid  sinn  air  ar  n-aghaidh 
gu  bhi  na's  dilse  agus  na's  dichioUaiche  ann 
a'd  sheirbhis,  a'  nochdadh  do'n  t-saoghal 
deagh  thoradh  an  t-soisgeil,  chum  cHu  agus 
glou*  t'ainme  a  nis  agus  gu  siorruidh.   Amen. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Donnchadh  Mac  Mhicheil, 
B.D. 

AN  deireadh  November  thainig  a'  chrioch 
air  an  duine  ghasda  so  a  bha  'n  a  mhinistear 
ann  an  Largo  am  Fiobh,  o  1904  gus  an  do 
shiubhail  e.  Bha  e  mu  cheithir  fichead  a 
dh'  aois.  Mac  do  Niall  Mac  Mhicheil  a  bha 
'n  a  mhinistear  an  Creiginnis,  bha  e  air 
oileanachadh  an  Ard-sgoil  Dhun-eideann  agus 


an  Oilthigh  a'  bhaile  sin,  far  an  d'  fhuair  e 
M.A.  an  1886,  agus  B.D.  an  1888.  An  deidh 
dha  bhi  greis  'n  a  fhear-cuideachaidh  an 
CUl-fhionain  bha  e  air  a  shuidheachadh  an 
Gearasdan  Inbhir-Lochaidh  an  1889.  An 
ceann  dheich  bliadhna  dh'  fhag  e  an  Gear- 
asdan a  dhol  a  mach  do  na  h-Innsibh  an  Ear, 
'n  a  mhissionaraidh  do  na  Dooars  agus  'n  a 
mhinistear   do    na    Breatimnaich   a   bha   ri 


AIG  AN  UINNEIG 


tuathanachd  na  tea.  Thainig  e  air  ais  an 
ceann  tri  bliadhna  is  chaidh  e  do  Largo,  far 
an  do  shaothraich  e  suas  ri  da  fhichead 
bliadhna. 

Bha  teaghlach  Neill  Mhic  Mhicheil  uile  'n 
an  sgoilearan  maith  agus  'n  an  daoine  lagh- 
ach,  gun  spagadagliog  no  morchuis,  Donnch- 
adh,  agus  Daibhidh,  agus  Niall.  Cha  mhor 
mhinistearan  a  bu  chothromaiche  no  a  bu 
ghrunndaile  ann  an  Comhairle  air  bith  aii" 
am  bitheadh  e  na  Donnchadh  Mac  Mhicheil, 
no  a  b'  fhearr  a  bha  a'  toirt  an  aire  air  obair 
fhein  agus  air  a  sgireachd  fhein.  Bha  tlachd 
sonraichte  aige  a  bhi  air  Comhairle  Ghaidh- 
ealach  na  h-eaglais  fad  iomadh  bliadhna,  oir 
ged  bha  a  bhodhig  agus  obair  am  measg  nan 
Gall  bha  a  chridhe  anns  a'  Ghaidhealtachd 
agus  am  measg  mhinistearan  Gaidhealach. 
A'  h-uile  car  anns  an  cuireadh  e  a  lamh  bha 
e  air  a  dheanamh  gu  grinn  agus  gu  cuimir 
agus  gu  riaghailteach  agus  air  a'  mhionaid 
cheart. 

An  t-Ollamh  Eachann  Mac  Gill-eathain. 

Bu  bhronach  an  sgeul  a  chunnacas  anns 
na  paipearan-naidheachd  air  a'  cheud  la  de 
December,  gu  robh  ministear  mor  laidir  an 
t-Sratha  air  a  mharbhadh  air  an  rathad- 
mhor  dltith  air  Dail-chuinidh  am  Baidean- 
ach,  agus  a  mhac  air  a  chiurradh  cho  dona 
's  gu'm  b'  fheudar  a  thoirt  do'n  ospadal  an 
Inbhir-nis. 

'S  e  call  mor  do'n  eilean  Sgitheanach  agus 
do'neaglais  anns  a'  Ghaidhealtachd  a  tha  ann 
am  bas  Eachainn  Mhic  Gill-eathain,  oir  bha 
lamh  aige  ann  am  moran  ghnothuichean,  'n 
a  sgir  fhein,  anns  a'  Chleir,  agus  anns  an 
t-siorramachd,  gu  sonraichte  air  County 
Council  Inbhir-nis. 

Bhuineadh  e  do  Thiriodh,  mac  do'n 
fhoirbheach  ris  an  abramaid  Eoghan  Mor, 
duine  cho  eireachdail  'n  a-phearsa,  agus  cho 
gasda  'n  a  uile  dhoighean,  agus  cho  clititeach 
mar  fhoirbheach  dileas,  's  a  bha  riamh  anns 
an  eilean.  •  Bha  e  air  oileanachadh  an  sgoil 
Chinn-ghiiithsaich  agus  an  Oilthigh  Ghlaschu, 
a  thug  dha  D.D.  o  chionn  beagan  bhli- 
adhneachan. 

Bha  e  air  a  shuidheachadh  an  Cill- 
Fhinichen,  am  Muile,  an  1904,  agus  a  Cill- 
Fhinichen  chaidh  e  do'n  t-Srath  anns  an 
Eilean  Sgitheanach,  an  1914,  far  an  do 
dhearbh  e  e  fein  mar  mhinistear  maith  agus 
mar  fhear-diithcha  maith,  easgaidh  agus 
dealasach  anns  gach  ciiis  a  bhuineadh  do 
chor  aimsireil  muinntir  an  eilein.  Bha  e  'n 
a  Chleireach  aig  Cleir  an  Eilein  Sgitheanaich, 
agus  bhiodh  e  daonnan  a'  dol  gu  Coinne- 
amhan    na    h-Eagiais    an     Dim-eideann,     a 


chumail  cor  na  Gaidhealtachd  agus  nan 
Eileanan  f  an  comhair.  Duine  laidir,  neo- 
eisiomaileach,  nach  robh  leasg  no  diuid, 
agus  a  liiibhradh  a  bheachd  gun  f  hiamh  gun 
eagal  ma  bha  e  an  duil  gu  robh  riaghlairean 
anns  a  Chleir,  no  anns  an  t-Seanadh,  no 
anns  a'  Chounty  Council,  no  air  Comhairle 
air  bith  anns  an  suidheadhe,  a'  feuchainn  ri 
'n  doigh  fhein  fhaotainn  gu  h-uaigneach 
gun  chead  fhaotainn,  sin  an  seorsa  duine  a 
bha  ann  an  Eachann  Mac  Gill-eathain,  agus 
tha  an  seorsa  duine  sin  feumail  air  gach 
Comhairle  anns  an  tir,  o  Thigh-nam-Bochd 
gu  Tigh-na-Parlamaid. 

Bha  aite-seasaimh  maith  aig  Eachann 
Mac  Gill-eathain  an  Eaglais  na  h-Alba  a 
chionn  gu'm  b'  airidh  air  e,  agus  bithidh 
ionndrainn  mhor  air  anns  an  Eilean  Sgith- 
eanach agus  air  tir-mor  Inbhir-nis  air  sg^th 
oibre,  ach  bithidh  ionndrainn  mhor  aig 
ministearan  Gaidhealach  eile  air  a  chionn 
gu  robh  e  fhein  'n  a  dhuine  coir  agus  comp- 
anta  agus  ceart. 

Bha  e  tri  fichead  's  a  sia  a  dh'  aois  is  dh' 
fh^g  e  'n  a  dheidh  bean  agus  seachdnar 
chloinne,  cea^hrar  mhac  agus  triiiir  nigh- 
eanan. 

Rud  gle  neonach,  ged  chuir  e  seachad  a 
chuid  a  b'  fhearr  d'  a  bheatha  anns  an 
eilean  Sgitheanach  thainig  e  air  ais  a  choinn- 
eachadh  na  criche  an  DaU-chuinidh  far  an 
do  thoisich  e  air  a  mhinistrealachd  mar 
fhear-cuideachaidh  an  1904.  Is  ann  mar 
dha  mhile  gu  leth  deas  air  Dail-chuinidh 
a  bha  air  a  mharbhadh. 

Neophobia 

Sin  agad,  a  leughadair,  an  t-aiam  a  bhios 
aig  daoine  foghluimte  air  galair  d'a  bheU 
moran  dhaoine  buailteach,  galair  a  bhios  a' 
tighinn  air  an  inntinn,  agus  a  tha  na's  miosa 
air  uairean  na  tinneas  cuirp,  oir  bheir  e  air 
daome  nithean  a  r^dh  agus  a  dheanamh  nach 
saoileadh  tu  gu'n  abradh  no  gu'n  deanadh 
duine  rianail  air  bith. 

Thugadh  ainm  Greigis  air  a'  ghalair  so  a 
chionn  gu  bheil  dotairean  na  h-inntinn  'n 
an  daoine  seolta,  agus  gtu-  maith  leo  ainm 
boidheach  a  thoirt  air  rud  grannda,  los  nach 
toir  iad  oilbheum  do'n  fheadhainn  air  a 
bheil  e. 

Ach  is  e  an  fhior  GhMdhlig  air  neophobia, 
eagal  roimh  nithean  ura,  no  gr^in  air  nithean 
ura.  Is  aithhe  dhomh  gu  leoir  de  dhaoine 
air  a  bheil  neophobia  gun  f hios  dhaibh  fein  ; 
daoine  aig  a  bheU  gr^in  uamhasach  air  gach 
beachd  iir,  no  teagasg  ur,  no  fasan  iir,  air 
an  oluinn  iad  iomradh,  agus  gun  reuson  air 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


bith  aca   air   a   shon   sin  ach  gu  bheil   an 
atishocair  iongantach  so  'n  am  poraibh. 

A  cheud  uair  a  thugadh  buntata  do'n 
Ghaidhealtachd  bhris  neophobia  a  mach  am 
measg  an  t-sluaigh,  agus  chan  itheadh  iad 
cnap  dheth.  B'  fhearr  led  am  fiabhrus  ; 
bha  iad  cleachdta  gu  leoir  ris  an  fhiabhrus 
ach  cha  robh  iad  cleachdta  ris  a'  bhuntata. 
Shearmonaich  ministearan  'n  a  aghaidh  anns 
a'  chubaid,  ag  iarraidh  air  an  t-sluagh  gun 
gnothuch  a  bhi  aca  ris,  direach  mar  a  shear- 
monaich iad  ann  an  laithean  eile  an  aghaidh 
an  Declaratory  Act,  ag  iarraidh  orra  seasamh 
gu  daingean  an  aghaidh  an  uamhais  iiir. 

B'e  an  argumaid  a  bha  aig  cuid  de  na 
ministearan  an  aghaidh  a'  bhuntata  nach 
robh  e  air  ainmeachadh  anns  a'  BhiobuU, 
agus  an  argumaid  a  bha  aig  cuid  elle  'n  a 
aghaidh  gur  e  am  buntata  am  meas  toirm- 
isgte  o'n  d'  thainig  uUe  thruaighean  an 
t-saoghail.  Cha  b'  urrainn  iad  a  bhi  le  cheile 
ceart. 

An  uair  a  bha  speucalairean  air  an  dean- 
amh  an  toiseach  bha  a'  cheart  ghlaodh  'n 
an  aghaidh  's  a  bha  an  aghaidh  a'  bhuntata. 
Bha  a'  cheart  ghlaodh  an  aghaidh  chloro- 
form ;  ministearan  ag  radh  gu  robh  e  an 
aghaidh  nan  sgriobturan  chloroform  a  thoirt 
do  bhoirionnaich  air  leaba-shiubhla  a  chionn 
gu  robh  arn  facal  sgriobhta  ann  an  Genesis, 
an  doilgheas  beiridh  tu  clann  ;  ach  b'  aithne 
do  Shir  Seumas  Simpson  an  sgriobtur  cho 
maith  ris  na  ministearan  fhein,  is  fhreagair 
e  gu  robh  e  mar  an  ceudna  sgriobhta  ann 
an  Genesis  gu'n  tug  lehobhah  Dia  air  cadal 
trom  tuiteam  air  Adhamh  an  uair  a  rinn  e 
Eubh  a  te  d'a  aisnean.  An  ni  a  bha  ann  is 
e  sin  an  ni  a  tha  ann  fathast ;  chan  'eil  ni 
nuadh  fo'n  ghrein.  Ciod  iad  na  beachdan  no 
na  fasain  a  tha  sinne  a'  seasamh  'n  an 
aghaidh  gu  danarra  an  diugh  a  chionn  gu 
bheil  neophobia  oirnn  gun  f  hios  dhuinn  fein  ? 
An  e  so  an  t-aobhar  gu  bheil  Cleirean  na 
h-eaglais  an  aghaidh  bhoirionnach  a  bhi  'n 
an  eildeirean  innte  ? 

An  t-Urramach  Uilleam  A.  Mac  Pharlain 

Bha  e  ceithir  fichead  's  a  dha  an  uair  a 
shiubhail  e,  gun  churam  sgire  a  leigeil  dheth 
riamh,  agus  bha  e  cho  cuimseach  'n  a  fhacal, 
agus  cho  laidir  'n  a  chuimhne  agus  'n  a 
mheomhair  's  a  bha  e  riamh,  ged  dh'  fhailnich 
e  'n  a  bhodhig  le  loinidh. 

Mac  do  Rob.  Mac  Pharlain  a  bha  "n  a 
mhinistear  an  Gleann  TJrchaidh,  bha  e  air 
oileanachadh  an  Dim-eideann  agus  an  Oilth- 
igh  Ghlaschu,  agus  air  a  shuidheachadh  an 
eaglais  Ath-Maol-Ruibhe  an  1885,  gle  ghoirid 
an  deidh  dha  cead-searmonachaidh  fhaotainn 


o  Chleir  Lathurn.A  Ath-Maol-Ruibhe  chaidh 
e  do  Newhall  an  Glaschu  an  1889,  agus  a 
Newhall  do  Dhul,  laimh  ri  Obar-Pheallaidh, 
an  1903,  far  an  do  chriochnaich  e  a  shaothair 
agus  a  laithean.  Bha  e  posda,  is  dh'  fhag  e 
'n  a  dheidh  bean  is  dithis  chloinne,  mac  agus 
nigj^ean.  Bha  a'  mhinistrealachd  diithchas- 
ach  dha  oir  bha  ceathrar  mhinistearan  an 
teaghlach  'athar. 

An  uair  a  bha  e  6g  agus  gun  dad  d'a  neart 
a  chall  cha  robh  ministear  an  Siorramachd 
Pheairt  a  b'  easgaidhe  'n  a  obair  na  Uilleam 
Mac  Pharlain,  no  d'  am  b'  fhearr  a  b'  aithne 
dol  air  cheann  gnothuich.  Bha  e  Ian  de  thtir 
nMurra  ;  glic  agus  faidhidinneach  agus 
faiceallach  ;  reidh  agus  sitheil  'n  a  uile 
dhoghean,  agus  cho  simplidh  agus  nadurra 
'n  a  shearmonachadh  agus  'n  a  dhol-am- 
measg  an  t-sluaigh  's  gu'n  robh  e  a'  freagairt 
air  muinntir  Pheairt  mar  a  fhreagras  a' 
mheatag  air  an  laimh. 

Bha  e  'n  a  Chleireach  aig  Cleir  ^aimh,  agus 
'n  a  Chomh- chleireach  an  Cleir  Dhim- 
chailleann  an  uair  a  bha  i  fhein  agus  Cleir 
Uaimh  air  an  cur  comhla  an  deidh  an 
Aonaidh. 

Sin  obair  air  an  robh  e  gaolach  agus  air 
an  robh  e  maith,  oir  bha  e  tuigseach  ann  an 
gnothuichean  agus  eolach  air  lagh  na  h- 
eaglais,  agus  bha  mise  agus  gu  leoir  eile  d'a 
bhraithrean  anns  a'  Chleir  toilichte  gu  leoir 
facal  agus  breith  Uilleam  Mhic  Pharlain  a 
ghabhail  mar  urrainn,  agus  a  chomhairle  a 
leantuinn  ann  an  ciiis  air  bith  a  bha  a'  togail 
puing  lagha.  lomadh  la  anns  a'  Chleir 
,  bhithinn  a'  faireachduinn  gu'm  bu  shona  d' 
am  choimhthional  agus  do  choimhthionailean 
mhinistearan  eile  na  'm  b'  aithne  dhuinn  an 
soisgeul  a  mhineachadh  cho  soilleir  'sab' 
aithne  do  Uilleam  Mac  Pharlain  gnothuichean 
na  h-eaglais  a  reiteachadh  agus  snaimeannan 
an  lagha  fhuasgladh  an  uair  a  chuireadh  e  a 
chorrag  dheas  air  a  bhois  chli  agus  a  bhruidh- 
neadh  e  gu  reidh  air  'athais  fhein.  Cha  robh 
caise  no  braise  'n  a  nadur  no  'n  a  bhruidhinn, 
agus  an  taobh  a  stigh  de  na  criochan  anns  a 
bheil  obair  Cleire  a'  laighe,  cha  b'  aithne 
dhomh  ministear  eile  a  bu  chothromaiche  'n 
a  bhreith  agus  'n  a  bhinn. 

Ach  na  b'  fhearr  na  sin  uile  bha  e  'n  a 
dhuine  laghach,  cairdeil,  taiceil,  as  am  faod- 
adh  tu  earbsa  a  chur  gach  la  de  'n  t-seachduin; 
duine  air  an  robh  meas  aig  a  bhraithrean  uile 
agus  aig  sluagh  na  diithcha  anns  an  do  chuir 
e  seachad  a'  chuid  mhor  d'a  bheatha. 

Comhfhurtachdan  na  buidhre 

Tha  e  duilich  a  thuigsinn  car  son  a  bhios 
uiread  dhaoine  bodhar  ag  radh  gu'm  b' 
fhearr  leo  a  bhi  dall  na  bhi  bodhar.    Saoilidh 


AIG  AN  UINNEIG— ANNS  A'  CHATHAIR 


mise  CO  dhmbh  gur  e  an  dubh-dhoille  claeh- 
mhvillaeh  na  truaighe,  an  call  as  goirte  agus 
as  deuchainniche  as  urrainn  tighinn  air  duine 
air  thalamh.  Ach  ged  tha  a'  bhuidhre 
deuchainneach  cuideachd  tha  buannachdan 
beaga  'n  a  lorg  ;  tha  iomadh  seorsa  fuaim 
anns  an  t-saoghal  nach  ruig  thu  leas  a  bhi 
duilich  nach  cluinn  thu  iad. 

Their  daoine  bodhar  gur  e  guth  an  co- 
chreutairean  an  fhuaim  as  mo  a  tha  iad  ag 
ionndrainn,  ach  ma  thug  thu  an  aire  dha 
riamh,  bithidh  seann  daoine  air  uairean  a' 
leigeil  orra  gu  bheil  iad  n^'s  buidhre  na  tha 
iad  an  da  rireadh,  agus  bithidh  an  corr  d' 
an  teaghlach  ag  radh  umpa  gu'n  cluinn  iad 
maith  gu  leor  an  uair  a  thoilicheas  iad.  Sin 
seorsa  buidhre  anns  a  bheil  buannachd  gun 
teagamh,  ach  chan  'eil  innte  ach  buidhre 
fheall.  Ach  c6  riamh  a  chualas  a'  cur  as 
leth  doill  gur  leir  dha  gu  maith  an  uair  a 
thoilicheas  e  ? 

Gun  teagamh  tha  e  duilich  do  dhuine  a 
bhi  faicinn  dhaoine  eile  a'  bruidhinn  agus  a' 
gaireachduinn  agus  gun  f  hios  aige  ciod  a  tha 
iad  ag  radh  ;  tha  e  air  a  dhimadh  a  mach 
a  conaltradh  a'  bhraithrean.  Tha  sin  fior 
ann  an  tomhas,  ach  car  son  a  dheanadh  sin 
deurach  e  ?  Nach  faod  e  conaltradh  a 
dheanamh  ris  f hein  ?  An  uair  a  tha  dithis 
dhaoine  a'  seanchas  chan  e  na  tha  an  dara 
fear  ag  radh  a  tha  a'  toirt  toileachais  do'n 


fhear  eile  mar  is  trice  ach  na  tha  e  fhein  ag 
rkdh.  Mar  sin  faodaidh  am  bodhar  solas  do 
sheanchais-se  fhaotainri  le  bhi  a'  bruidhinn 
ris  fhein  gun  aige  ri  bhi  ag  eisdeachd  riutsa 
idir. 

Ged  tha  co-fhaireachduin  agam  ri  daoine 
bodhar  agus  ged  nach  abair  mi  nach  'eil  call 
agus  searbhadas  anns  a'  bhuidhre  tha  sith 
innte  cuideachd,  oir  cha  chluinn  am  bodhar 
an  Radio,  no  sgriachail  chat,  no  slaistreadh 
dhorsan  anns  a'  ghaoith,  no  droch  bhoir- 
ionnaich  a'  mionnachadh,  (fuaim  cho  uamhas- 
ach  's  a  tha  air  an  t-saoghal)  no  cul-chaineadh 
is  droch  ghoileab.  An  uair  a  thig  duine  a 
dh'  ionnsuidh  na  h-aoise  anns  a  bheil  a 
chlaisteachd  am  bitheantas  a'  dol  air  ais  bu 
choir  gu'm  biodh  tobraichean  solais  aige  an 
taobh  a  stigh  dheth  fhein  gun  e  bhi  an 
eisiomail  na  chluinneas  e  le  chluais  an  taobh 
a  muigh  dheth. 

0  chionn  beagan  sheachduinean,  air  feasgar 
ciilin  blath  an  deidh  uisge,  an  uair  a  bha  a' 
ghrian  a'  dol  fodha,  ann  an  coig  mionaidean 
las  an  speur  le  gloir  is  maise  nach  faca  mi  le 
m'  shtiil  o  chionn  iomadh  bliadhna,  maise 
agus  gloir  a  thug  deoir  air  mo  shiiilean,  ach 
an  uair  a  shiolaidh  a'  ghloir  air  falbh,  is  e 
an  smuain  a  thainig  gu  m'  inntinn,  gu'm  b' 
f hearr  fradharc  na  siila  fad  choig  mionaidean 
na  na  chuala  mi  le  m'  chluais  o  thoisich  an 
cogadh. 


Anns  a'  Chathair 


CHAN  'eil  cumhachd  air  an  t-saoghal  cho 
laidir  ri  gradh  agus  ciuine  agus  faidhidinn. 
An  coimeas  ri  fearg  no  corruich  tha  gradh 
mar  tha  a'  ghrian  an  coimeas  ris  an  stoirm. 
Ni  feartan  caomh  na  greine  miorbhuilean 
nach  b'  urrainn  gaoth  no  doinionn  a  dhean- 
amh. 

Ged  tha  Criosd  a'  gairm  a  dheisciobul  gu 
eath  is  comhrag  an  aghaidh  naimhdean  a 
rioghachd,  chan  ann  le  claidheamh  no  le 
neart  a  tha  e  ag  iarraidh  orra  cothachadh  'n 
an  aghaidh,  ach  le  ciuine  agus  faidhidinn. 
ladsan  a  bhios  a'  mionnachadh  no  a'  maoidh- 
eadh,  a  bhios  a'  feuchainn  ri  toil  dhaoine 
eile  a.  lubadh  le  eagal  no  lamhachas-laidir, 
cha  bhuin  iad  do  fhior  chomunn  na  riogh- 
achd a  thainig  Criosd  a  chur  air  chois. 

Bha  la  ann  a  bha  mise  an  diiil  gu'n  tugadh 
argumaid  no  reusonachadh,  agus  eadhon 
tapaid  air  a  sgath,  taic  do  fhireantachd,  ach 
tha  mi  a  nis  ag  aideachadh  gu  robh  mi  fada 
cearr.  Chan  oibrich  fearg  duine  fireantachd 
air  thalamh.  Cha  tig  toradh  na  fireantachd 
a  rud  air  bith  ach  a  spiorad  a'  ghraidh. 


Doigh  Chriosd 

An  uair  a  chi  sinne  gniomh  olc  'g  a  dhean- 
amh, no  a  chluinneas  sin  iomradh  air,  is  e  a' 
cheud  smuain  a  thig  'n  ar  n-inntinn  an  t-olc 
sin  a  chur  fo  smachd,  agus  a  chur  fo  smachd 
le  neart  ar  gairdein  ma  dh'  fheumar  ;  ach 
b'e  a'  cheud  smuain  a  thigeadh  ann  an  inn- 
tinn Chriosd  cridhe  an  duine  no  nan  daoine 
a  rinn  an  t-olc  atharrachadh.  Bha  e  coma 
ciamar  a  bheanadh  an  t-olc  ris  fein,  no  ciod 
an  dolaidh  a  dheanamh  e  air  ;  cha  robh  e 
idir  a'  smuaineachadh  uime  fein,  no  m'a 
choraichean  fein.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  d' 
iarr  e  air  a  chairdean  an  leth-cheann  eile  a 
thionndadh  ri  duine  air  bith  a  bhuaileadh  iad 
am  feirg. 

Chan  urrainn  thusa  no  mise,  le  ro-churam 
a  ghabhail,  duine  eile  iompachadh  no  a 
chridhe  atharrachadh,  ach  de  na  h-uile 
dhoighean  a  dh'  fheuchadh  riamh  sud  an 
doigh  as  docha  cridhe  an  eucoraich  athar- 
rachadh, an  leth-cheann  eile  a  thionndadh 
ris  agus  gun  chur  'n  a  aghaidh.  Ma  bheir 
e  ort  dol  mile  leis  rach  mile  eile  leis  ;    ma 


ANNS  A'  CHATHAIR 


bheir  e  bhuait  do  ohota  thoir  dha  gu  reidh 
e,  agus  an  cdrr  de  d'  aodach  cuideachd. 

Na'n  deanadh  daoine  so  ciod  a  thachradh  ? 
Thachradh  gu'n  coisneadh  iad  am  beatha 
agus  gu'n  tugadh  iad  taic  do  fhireantachd, 
eadhon  ged  chailleadh  iad  an  cuid.  Ach  a 
reir  teagasg  Chriosd  chan  'eil  beatha  duine 
anns  na  nithean  a  tha  e  a'  sealbhachadh. 
Agus  na'n  deanadh  rioghachdan  so  thach- 
radh a  cheart  ni.  Theagamh  gu'n  rachadh 
an  rioghachd  a  dheanadh  e  sios  anns  an 
t-seagh  gu'n  caUleadh  i  a'  ghloir  shaoghalta 
sin  as  am  bi  rioghachdan  a'  deanamh  uaUl, 
ach  'n  a  dol-sios  bheireadh  i  fianuis  mu  fhir- 
eantachd do'n  t-saoghal  nach  tug  i  riamh  dha 
le  a  dol-suas. 

Chan  urrainn  duine  air  bith  a  radh  le  cinnt 
no  le  ughdarras  nach  gabh  aicheadh  gu'm 
biodh  droch  dhaoine  air  an  iompachadh  uUe 
na'n  robh  an  doigh  so  air  a  ghabhail  orra, 
ach  faodar  a  radh  gu'n  d'  fhuair  na  doighean 
eUe  anns  a  bheil  daoine  a'  cur  an  earbsa 
iiine  gu  leoir  iad  fhein  a  dhearbhadh,  agus 
nach  d'  oibrich  iad  ach  gu  bochd.  Tha  an 
t-am  aig  an  t-saoghal  tilleadh  air  ais  gu 
Criosd  agus  a  dhoigh-san  fheuchainn  ;  na'n 
deanadh  an  saoghal  sin  theagamh  gu'm  faice- 
adh  e  nithean  miorbhuileach  agus  nithean 
glormhor  ris  nach  robh  fiughair  aige. 

Tuathanach  diadhaidh 

Bha  tuathanach  diadhaidh  ann  an  CUle- 
sgumain  air  an  do  ghoideadh  seachd  bagaich- 
ean  sil.  An  aite  a  ghearan  a  dheanamh  ri 
baillidh  no  conastabal  sgriobh  e  paipear  agus 
chuir  e  ri  dorus  na  h-eaglais  e.  B'e  so  a  bha 
air  a'  phaipear  : — 

Co  air  bith  a  ghoid  slol  as  an  t-sabhal 
agam-sa,  bu  mhaith  learn  fhios  a  bhi  aige 
nach  'eil  mi  a'  ciallachadh  rannsachadh  air 
bith  a  dheanamh  mu'n  ghnothuch.  Ma's  e  an 


diginn  a  thug  air  a  dheanamh,  bu  mhaith 
learn  a  chtiideachadh  agus  feuchainn  ri 
bed-shlainte  fhaotainn  dha  ann  an  ddigh 
air  chor-eigin  nach  toir  oil-bheum  do  Dhia 
no  d'a  choguis.  Ma  bheir  e  cothrom  dhomh 
cobhair  a  dheanamh  air  cha  bhi  fhios  aig 
duine  eile  gu  brath  air. 

Chuir  e  ainm  ris  a'  phaipear  agus  chroch 
e  ri  dorus  na  h-eaglais  e,  ach,  rud  neonach, 
cha  do  rinn  am  paipear  ach  gaireachduinn 
is  goileab  neo-Chriosdail  a  thoirt  air  a' 
chuid  mh6r  de'n  choimhthional,  ged  nach 
robh  aon  fhacal  air  nach  robh  a  reir  an 
leabhair  naoimh  as  an  do  leugh  an  t-Urra- 
mach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  facal  an 
Tighearna  dhaibh  a'  mhaduinn  ud. 

Ach  coma  co  dhiubh,  oidhche  Di-ciadaoin 
an  uah  a  bha  an  tuathanach  agus  a  bhean 
a'  gabhail  mu  thamh  thainig  ceum  gu  failidh 
a  dh'  ionnsuidh  an  doruis,  agus  an  sin  gnog, 
gnog,  gnog,  tri  uairean. 

Dh'  fhosgail  an  tuathanach  an  dorus  ;  cha 
do  leig  e  leas  fhoighneachd  c6  a  bha  aige  no 
ciod  a  ghnothuch  cho  anmoch,  oir  dh'  innis 
aogasg  is  giulan  an  duine  a  thurus. 

Ciod  a  bha  eadar  riu  chan  urrainn  mise 
innseadh,  agus  chan  innsinn  e  ged  b'  urrainn 
dhomh,  oir  tha  nithean  ann  air  am  maith  le 
Dia  fein  agus  leis  na  h-ainglean  naomha 
foluch  a  chur.  Ach  faodaidh  mi  a  radh  gu'm 
b'e  sud  a'  cheud  mheirle  agus  a'  mheirle 
mu  dheireadh  a  rinn  an  duine.  Tha  facal  an 
Tighearna  ag  innseadh  dhuinn  gu'n  treoraich 
e  na  daoine  macanta  ann  am  breitheanas  : 
bha  macantas  an  tuathanaich  agus  a  ghradh 
air  am  beannachadh  d^  uair  ;  air  am  beann- 
achadh  dha  fein  agus  air  am  beannachadh 
do'n  chiontach.  Na'n  do  stuig  e  abhagan  an 
lagha  anns  an  duine  theagamh  nach  tigeadh 
as  a  sin  ach  gu'm  biodh  a  shith  fein  air  a 
mUleadh,  agus  gu'm  biodh  an  duine  air  a 
chruadhachadh  na  bu  chruaidhe  anns  an  olc. 


An  Laoidheadair 


FaUt  ort  a  dhochais,  's  caomh  do  ghuth, 
'Nuair  tha  mi  aiunis  trom ; 
A'  tigh'nn  mar  aingeal  's  aillidh  cruth, 
Chur  m'anam  bochd  am  fonn. 

'Nuair  thuirlmg  tuU  an  leirsgrios  chruaidh, 
Le  breitheanas  do'n  daoi ; 
Thainig  do  theachdaireachd  le  baigh, 
Am  beul  a'  cholraain  chaoimh. 


'N  trath  thraoigh  an  tuU  gu'n  mhosgail  thu 
Air  faicinu  dhuit  'san  speur. 
Am  bogha-frois  mar  choron  aigh  ; 
Samhl'  oirdhearc  grais  ar  De. 

» 
Cha  d'thainig  caochladh  air  do  neart, 
No  doille  air  do  shiiil ; 
Thar  beanntaibh  eachd;a'.dh  chunnacas  leat. 
Reul  lainnii-each  na  h-iul. 


Aireamh  2 


1944 


Miorbhuilean  agus  Creideamh 

Mtir  eisd  iad  ri  Maois  agus  ris  na  fdidhean,  cha  mho  a  chreideadh  iad  ged  dh'  eireadh 
neach  o  na  mairbh. — Lucas  xvi.  31. 


CIOD  do  bharail  fhein,  a  leughadair  ? 

An  robh  an  duine  saoibhir  ceart  anns  an 
dochas  a  bha  aige  gu'n  creideadh  a  bhraith- 
rean  na'm  biodh  teachdaire  air  a  chur  chuca 
o  thir  nam  marbh  ? 

Chan  'eil  mise  an  dull  gu'n  deanadh  e 
mughadh  air  bitli  dhaibh.  An  uair  a  dh' 
iarr  e  gu'm  biodh  rabhadh  miorbhuileach  air 
a  thoirt  dhaibh  air  eagal  gu'n  deanadh  iad 
a  cheart  mhearachd  a  rinn  e  fhein,  thubhairt 
Abraham  ris,  "  Tha  Maois  agus  na  faidhean 
aca,  eisdeadh  iad  riusan." 

"  Ni  h-eadh,  Athair  Abraham,  ach  ma 
theid  aon  'g  an  ionnsuidh  o  na  mairbh 
gabhaidh  iad  aithreachas." 

Agus  thubhairt  Abraham  ris,  "  Mur  eisd 
iad  ri  Maois  agus  ris  na  faidhean,  cha  mho 
a  chreideadh  iad  ged  dh'  eireadh  neach  o  na 
mairbh." 

Tha  mo  reusan  agus  mo  choguis  agus  uile 
fhiosrachadh  mo  bheatha  a'  cur  aonta  ris  na 
thubhairt  Abraham,  agus  a'  cur  teagamh  ann 
am  beachd  an  duine  shaoibhir.  Chan  'eil  am 
Biobull  a'  toirt  gniiis  air  bith  do  'n  bheachd 
gu'n  duisg  ionghnaidhean  no  comharraidhean 
follaiseach  is  faicsinneach  creideamh  ann  an 
daoine  nach  'eil  a'  creidsinn  cheana.  Tha 
Pol  ag  radh  gur  ann  air  mhodh  spioradail  a 
thuigear  nithean  spioradail.  Tha  cuimhne 
agad,  a  leughadair,  air  an  fhacal  so  a  thubh- 
airt Criosd,  "  Tha  ginealach  olc  agus  adh- 
altrannach  ag  iarraidh  comharraidh  ach  cha 
toirer  dhaibh  ach  comharradh  an  fhaidh 
lonais." 

Ciocfan  leth-sgeul  nach  gabh  daoine,  'g  am 
fireanachadh  fhein  air  son  an  dearmaid  a  tha 
iad  a'  deanamh  air  gairm  an  t-soisgeil. 
Cuiridh  iad  a'  choire  air  an  rud  ud  agus  air 
an  rud  ud  eile  ;  air  a  h-uile  rud  ach  air  an 
amaideas  fein.  Cuiridh  iad  a'  choire  air  am 
parantan,  no  air  an  luchd-teagaisg,  no  air  an 
eaglais  d'  an  robh  iad  a'  dol ;  their  iad  nach 
d'  innseadh  dhaibh  gu  ceart  no  gu  soilleir  na 
nithean  a  bhuineas  d'  an  sith  agus  nach  robh 
meadhonan  freagarrach  air  an  cleachdadh 
gus  an  siiilean  fhosgladh. 

Theagamh  gu  bheil  iad  a'  creidsinn  sin, 
ach  fad  na  h-tiine  tha  iad  'g  am  mealladh 
fein  ;    na  cluasan  nach  cluinn  guth  Mhaois, 


no  guth  Spurgeon  no  guth  Mhic  Cheyne,  no 
guth  soisgeulaiche  eile  a  shearmonaic'heas  an 
soisgeul  dhaibh,  cha  chluinneadh  agus  chan 
eisdeadh  iad  ged  dh'  eireadh  Eoin  a'  Bhais- 
tidh  o  na  mairbh. 

Bha  Lasarus  air  a  thogail  o  na  mairbh,  ach 
a  reir  choslais  cha  do  dhuisg  an  rud  mior- 
bhuileach sin  an  dara  cuid  aithreachas  no 
creideamh  ann  an  cridheachan  a  choimh- 
earsnach. 

Tha  na  meadhonan  coitchionn  a  thug  Dia 
dhuinn  'n  a  Fhacal  agus  'n  a  Eaglais  com- 
asach  air  ar  suilean  fhosgladh  agus  eolas  na 
beatha  maireannaidh  a  thoirt  dhuinn  ma  tha 
sinn  a'  deanamh  feum  ceart  diubh  ;  ma 
chuireas  sinn  na  meadhonan  sin  an  suar- 
rachas  chuireamaid  an  suarrachas  minis- 
trealachd  nan  ainglean  fein.  Mur  bheil  a' 
chluas  a  chluinneas  agus  an  cridhe  a  thuigeas 
aig  duine  e  fhein  is  coma  dha  co  dhiu  a 
labhras  ris  am  beo  no  am  marbh. 

Co  is  urrainn  creideamh  no  aithreachas  a 
dhiisgadh  ann  an  duine  nach  'eil  air  son 
creidsinn,  agus  nach  'eil  air  son  aithreachas 
a  dheanamh  ?  Na'n  ti.geadh  an  t-aingeal 
Gabriel  a  dh'  ionnsuidh  a  leithid  sin  de 
dhuine,  no  am  faidh  leremiah  nach  'eil  beo, 
saoil  thu  an  gabhadh  e  riu  ?  Cha  ghabhadh 
idir  ;  theireadh  e  nach  robh  annta  ach  droch 
spioradan  a  bha  dol  an  riochd  ainglean  agus 
an  riochd  fhaidhean.  Rachadh  e  ann  an 
argumaid  riu,  a  dhearbhadh  dha  fein  agus 
dhaibhsan  nach  robh  annta  ach  na  tamhaisg, 
agus  nach  'eil  daoine  an  diugh  a'  creidsinn 
ann  an  tamhaisg,  agus  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  chuireadh  e  an  teachdaireachd  an 
suarachas  mar  tha  e  a'  cur  a  h-uile  searmon- 
achadh  a  chluinneas  e  an  suarachas. 

Linn  an  deidh  linn  rinn  Dia  nithean  mora 
a.gus  nithean  miorbhuileach  air  son  a  shluagh 
taghta  fein  ;  ach  linn  as  deidh  linn  chuir 
clann  Israel  an  suarachas  gniomharan  ion- 
gantach  lehobhah.  Na  ceart  dhaoine  a  chun- 
naic  an  fhairge  air  a  sgoltadh  le  cumhachd 
Dhe  agus  a  fhuair  an  acras  a  chasg  le  mana 
o  neamh,  chuir  iad  teagamh  ann  an  gliocas 
agus  ann  an  cumha,chd  Dhe.  Rinn  Dia  mile 
gniomh  trocaireach  air  an  sgath,  a  dhearbh- 
adh dhaibh  gu  robh  a  lamh  'gan  treorachadh. 


MIORBHUILEAN  AGUS  CREIDEAMH— AN  GRUNND  AN  TOBAIR 


ach  cha  d'  fhuadaich  sin  an  t-as-creideamh 
as  an  cridheachan.  Dhichuimhnich  iad  na 
h-oibre  agus  na  iongantasan  a  rinn  e  ; 
dhichuimhnich  iad  an  neul  a  chaidh  romhpa 
anns  an  la  agus  solus  an  teine  anns  an  oidhche, 
agus  bhuair  agus  bhrosnaich  iad  an  Dia  as 
airde. 

Thachair  an  ni  ceudna  an  uair  a  chuir  Dia  a 
mhac  do'n  t-saoghal.  Rinn  Criosd  miorbhuil- 
ean  a  bha  mor  agus  iongantach  ;  choisich  e 
air  an  fhairge  ;  dh'  fhosgail  e  suilean  nan 
dall ;  chuir  e  smachd  air  deamhain  agus  air 
feartan  Naduir  nach  b'  urrainn  do  dhuine 
eile  a  chiosnaahadh  ;  dhiiisg  e  na  mairbh,  ach 
ged  chunnaic  moran  dhaoine  na  miorbhuilean 
sin  cha  do  dhuisg  iad  creideamh  slainteil  ach 
ann  am  f ior  bheagan  ;  thubhairt  each  gu  robh 
e  a'  tilgeadh  a  mach  dheamhan  le  Beelsebub, 
Prionnsa  nan  deamhan.  "  An  sin  chruinnich 
na  h-ard  shagartan  agus  na  Phairisich  comh- 
airle  agus  thubhairt  iad,  Ciod  a  tha  sinn  a' 
deanamh  ?  oir  tha  an  duine  so  a'  deanamh 
moran  mhiorbhuilean  :  uinie  sin  o'n  la  sin  a 
mach,  chuir  iad  an  comhairle  r'a  cheile  chum 
esan  a  chur  gu  bds. 

Sin  agad,  a  leughadair,  rud  as  fhiach  dhuit 
smuaineachadh  thairis  air  ma  tha  thu  an 
dtiil  gu'n  deanadh  daoine  aithreachas  na'n 
robh  an  soisgeul  air  a  shearmonachadh 
dhaibh  le  tefichdaire  o'n  t-saoghal  eile. 
Chuala  na  h-Iudhaich  a  leithid  sin  de 
theachdaire  ach  an  aite  aithreachas  a  dhean- 
amh  rinn  a'  mhor-chuideachd  dhiubh  tair 
agus  magadh  air,  agus  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  cheus  iad  e. 

Ciod  air  bith  as  aobhar  dha,  chan  'eil 
buannachd  spioradail  air  bith  ann  do  dhaioine 
miorbhuileanfhaicinn;  chan  atharraich  mior- 
bhuilean an  cridheachan  no  an  caitheamh- 
beatha.  An  ti  a  bha  eucorach  m'am  faca  e 
iad  bidh  e  eucorach  an  deidh  dha  am  faieinn, 
agus  an  ti  a  bha  salach  bidh  e  salach  a  dh' 
aindeoin  na  chunnaic  e.     Chan  ann  mar  sin 


idir  a  tha  aithreachas  agus  creideamh  agus 
aignidhean  diadhaidh  air  an  dusgadh  anns 
an  anam.  Is  ann  air  mhodh  spioradail  a 
thuigear  nithean  spioradail.  Mur  eisd  daoine 
ri  guth  caol  ciiiin  an  coguis  no  ri  guth  caol 
ciuin  an  Spiorad  Naoimh  chan  eisdeadh  iad 
ri  guth  a'  mhairbh. 

Theagamh  gu  n  cuireadh  guth  a'  mhairbh 
crith  'n  am  feoil  fad  iiine  bheag,  ach  dh' 
fhalbhadh  a'  chrith  agus  an  t-eagal,  agus 
bhiodh  iad  an  deidh  laimhe  mar  bha  iad 
roimhe. 

Na'n  deanadh  crith  no  clisgeadh  daoine  a 
dhusgadh  agus  a  thearnadh  thatar  a'  faotainn 
clisgidhean  gu  leor  ann  am  freasdal  an 
Tighearna.  Gach  seachduin  d'  ar  beatha  tha 
sinn  a'  faotainn  rabhaidhean  soluimte  leis  a' 
bhas  gu  bheil  ar  beatha  air  thalamh  goirid 
agus  neo-chinnteach,  agus  gu'm  biodh  e  glic 
dhuinn  ar  tigh  a  chur  an  ordugh.  Ach  ged 
a  bheir  na  rabhaidhean  sin  air  daoine  clis- 
geadh, mar  a  chHsgeadh  iad  na'n  cluinneadh 
iad  guth  o  na  mairbh  (oir  ciod  a  tha  annta 
ach  guthan  o'n  uaigh)  dichuimhnichidh  iad 
iad  ann  am  beagan  uine  agus  diiinidh  iad 
an  stiilean  mar  rinn  an  duine  saoibhir  so, 
gus  mu  dheireadh  am  beir  am  bas  orra 
mar  a  rug  e  airsan,  gun  aithreachas,  gun 
Dia,  gun  dochas. 

An  t-aithreachas  a  ni  duine  anns  an 
t-saoghal  so  tha  e  eifeachdach  is  slainteil, 
ach  an  t-aithreachas  a  ni  duine  anns  an 
t-saoghal  eile  chan  'eil  ann  ach  goirteas- 
coguis  agus  buaireas-spioraid  nach  basaich 
gu  siorruidh. 

Bha  an  duine  ud  'ga  chunntas  fhein  an  da 
chuid  giic  agus  saoibhir,  ach  cha  do  rinn  a 
ghliocas  agus  a  shaoibhreas  ach  a  shiiilean 
a  dhimadh  agus  a  chridhe  a  mhealladh. 
Is  e  tiis  a'  ghliocais  eagal  an  Tighearna, 
agus  an  saoibhreas  as  fhearr  a  bhi  saoibhir 
an  creideamh,  an  dochas,  agus  an  gradh. 


An  Grunnd  an  Tobair 


An  coslas  a  chunnaic  mi  aig  sruth  Chebair. — Eseciel,  xliii.  3 
Agus  dh'  fhosgladh  an  suilean,  agus  dh'  aithnich  iad  e  ;   agtis  chaidh  e  as  an  t-sealladh. 

— Lucas  xxiv.  31. 


OIDHCHE  mhosach  a  bha  ministear  de  'n 
eaglais  Methodist  'n  a  shuidhe  'n  a  thigh 
fhein  aig  a  leabhraichean  chual  e  coiseachd 
a'  tighinn  a  dh'  ionnsuidh  an  tiglie,  agus  an 
sin  gnog,  gnog,  gnog,  tri  uairean  air  an 
dorus.  An  uair  a  chaidh  e  a  dh'  ionnsuidh 
an  doruis  agus  a  dh'  fhosgail  e  e,  bha  nighean 
6g  a  b'  aithne  dha  'n  a  seas^amh  aige,  ach 
air  nach  robh  moran  eolais  aige.     Bha  i  a 


baile  beag  a  bha  mu  choig  mile  o'n  tigh  aige, 
baile  anns  an  robh  e  greis  'n  a  mhinistear 
mu'n  robh  e  air  a  shuidheachadh  far  an  robh 
e  a  nis.  Sin  mar  fhuair  an  nighean  eolas  air. 
"  Ma  dh'  fhaoidte  nach  'eil  cuimhne  agaibh 
orm,"  thubhairt  i  ris,  "  ach  tha  mi  'g  'ur 
ruighinn  a  nochd  air  thurus  nach  gabhadh 
dail  a  chur  ann.  Tha  m'  athair  an  coslais 
a'  bhais,  agus  ged  tha  mi  duilich  dragh  a 


AN  GRUNND  AN  TOBAIR— AIG  AN  UINNEIG 


3 


chur  oirbli  air  oidhche  cho  fiadhaich  bhithinn 
fada  11  'ur  comain  na'n  tigeadh  sibh  'g  a 
fhaicinn,  agus  na'n  deanadh  sibh  urnuigh 
air  a  shon  m'  an  tig  a'  chrioch  air.  Tha 
eagal  orm  nach  do  thaobh  e  an  eaglais  ach 
gle  annamh  ann  an  laithean  a  shlainte,  ach 
uair  no  dha  chaidh  e  leinn  'g  'ur  n-eisdeachd- 
sa  an  uair  a  bha  sibh  anns  a'  bhaile." 

Anns  a'  mhionaid  chuir  am  ministear  air 
'ad  agus  achota,  ag  radh  ris  an  nighinn  gu'n 
rachadh  e  leatha  gu  toileach,  agus  anns  an 
dile  uisge  chuir  iad  aghaidh  air  a'  bhaile  a 
bha  coig  mile  bhifapa,  agus  a  h-uile  ceum  de 
'n  astar  ri  choiseachd. 

An  uair  a  rainig  iad  an  tigh,  agus  a  chunn- 
aic  bean  an  fhir  a  bha  a'  basachadh  am 
ministear,  thuirt  i  ris,  "0,  a  mhinistear, 
nach  mise  a  tha  toilichte  sibhse  fhaicinn  a' 
tighinn  a  steach  air  mo  dhorus  a  nochd,  ach 
CO  dh'  innis  dhuibh  gu  bheil  an  duine  agam 
cho  iosal  ?  " 

"  Dh'  innis  'ur  nighean,"  ars  am  ministear, 
"  an  uair  a  thainig  i  'g  am  iarraidh." 

Chuir  ceist  a'  bhoirionnaich  ionghnadh  air 
ach  chuir  a  fhreagairt-san  ionghnadh  bu 
mhotha  oirre-se,  ach  gun  a'  chuis  a  leantuinn 
na  b'  fhaide  aig  an  am,  dh'  iarr  i  air  dol  suas 
an  staidhir  far  an  robh  an  duine  anns  an 
ieabaidh. 

Bhruidhinn  am  ministear  ris  mar  is  cubh- 
aidh  do  theachdairean  an  Tighearna  bruidh- 
inn  ritisan  a  tha  a'  dliithachadh  air  an 
t-siorruidheachd,  agus  an  sin  rinn  e  urnuigh, 
ach  an  tiine  ghoirid  shiolaidh  an  duine  as, 
agus  dh'  fhag  an  anail  e. 


Dh'  fhan  am  ministear  greis  anns  an  tigh, 
a'  feuchainn  ri  comhfhurtachd  an  t-soisgeil 
a  thoirt  do  'n  te  a  chaill  a  ceile-posda,  ach 
a  thaobh  's  nach  robh  e  a'  faicinn  no  a' 
cluinntinn  na  h-ighinn  a'  gluasad  anns  an 
tigh  dh'  fhaighnich  e  de  'n  bhoirionnach  c' 
aite  an  deachaidh  i. 

"0,"  ars  ise,  "  feumaidh  e  bhith  nach 
cuala  sibh  gu  bheil  mo  nighean-sa  marbh 
a  chionn  bliadhna  ;    shiubhail  i  an  uiridh." 

"  Marbh,"  ars  am  ministear,  agus  e  ag 
eirigh  agus  a'  butanachadh  a  chota  a  dh' 
fhalbh  dhachaidh,  "  cha  robh  i  marbh  aig 
ochd  uairean  a  nochd  an  uair  a  thainig  i  a 
dh'  ionnsuidh  mo  thighe-sa  a  dh'  iarraidh 
orm  tighinn  a  dh'  fhaicinn  a  h-athar.     Ach 


chan  abair  sinn  an  corr  m'  an  chiiis  an 
drasd  ;  bha  dithis  de  'n  luchd-oibre  air  an 
rathad-mhor  'n  an  suidhe  aig  teine  far  a 
bheil  an  rathad  air  a  thogail  agus  'g  a 
charadh  ;  chunnaic  iadsan  mi  fhein  agus  an 
nighean  agaibh  a'  dol  seachad,  agus  togaidh 
iad  fianuis  gu'm  faca." 

Sin  mar  bha  ;  air  an  t-slighe  dhachaidh 
stad  am  ministear  aig  an  teine  far  an  robh 
na  daoine  a'  faire  an  rathaid,  agus  an  deidh 
dha  beagan  seanchais  a  dheanamh  riu  mu 
nithean  eile,  thubhairt  e  riu,  "  Am  faca  sibh 
mise  a'  dol  seachad  o  chionn  uair  gu  leth  a 
dh'  iiine  agus  boirionnach  comhla  rium  ?  " 

"  Chunnaic,"  ars  iadsan,  "  ach  cha  robh 
neach  eile  comhla  ribh  ach  thug  sinn  an 
aire  gu  robh  sibh  a'  bruidhinn  mar  gu'm 
biodh  duin-eigin  comhla  ribh." 

"  Thuirt  mise  ri  Niall,"  arsa  fear  dhiubh, 
"gu'm  b'  iongantach  an  rud  e  a  bhi  a' 
cluinntinn  duine  cho  6g  ribhse  a'  bruidhinn 
ris  fhein,  ach  'sea  thuirt  e  rium,  "  A  bheil 
fhios  agad  idir  gur  ann  mar  sin  a  bhios  na 
ministearan  ag  ullachadh  an  t-searmoin  a  tha 
iad  a'  dol  a  liubhairt." 

Chaidh  am  ministear  dhachaidh  ;  che- 
asnaich  e  muinntir  an  tighe  ach  cha  b' 
urrainn  iad  solus  a  chur  air  a'  chtiis  no  dad 
eile  a  radh  ach  gu'n  cual  iad  na  gnogan  a 
bha  air  am  bualadh  air  an  dorus  ;  gu'n  cual 
iad  esan  a'  fosgladh  an  doruis,  ^gus  a' 
bruidhinn  ri  cuid-eigin  a  bha  'n  a  sheasamh 
aige. 

Ciod  a  their  thu  fhein,  a  leughadair  ? 
Chan  'eil  aon  fhacal  an  so  ach  an  fhirinn 
agus  an  fhirinn  lom,  air  a  toirt  dhuit  air 
urrainn  ministear  a  tha  'n  a  dhuine  tilrail. 
Tha  iomadh  seorsa  firinn  anns  an  t-saoghal 
so  air  am  faigh  thu  plathadh  seallaidh  an 
drasd  's  a  ris,  mar  gheibh  tu  air  a'  chuthaig 
a'  sgiathalaich  o  chraoibh  gu  craoibh,  ach 
tha  an  Fhirinn  fhein  far  an  robh  i  riamh, 
ann  an  grunnd  tobair. 

Chaidh  an  ni  so  thar  do  thuigse  ! 
Bheil  thu  tuigsinn  ni  fo'n  ghrein  ? 

An  urrainn  thusa  le  rannsachadh  Dia 
fhaghail  a  mack  ?  an  urrainn  thu  an  t-  Uile- 
chumhachdach  fhaghail  a  mach  gu  h-iomlan  ? 
An  d'  fhosgladh  geatachan  a'  hhais  :  C"  aite 
an  robh  'n  uair  a  leag  esan  hunaitean  an 
domhain  \ — Leabhar  Iob. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Ollamh  Niall  Ross 

CHAN  'eil  am  bas   'n  a  thamh  ;    tha  mo 

chomh-aoisean  a'  tuiteam  mar  a  thuiteas  an 


coirce  roimh  'n  speal  anns  an  fhoghar  ; 
Eachann  Mac  Gill-eathain  an  de  agus  Niall 
Ross  an  diugh  ;    dithis  dhaoine  laidir  air  an 


AIG  AN  UINNEIG 


robh  coltas  na  slainte  an  uair  inu  dheireadh 
a  chunnaic  mi  iad,  agus  a  dh'  fhaodadh 
dochas  a  bhi  aca  ri  saoghal  a  b'  fhaide. 

B'  aithne  dhomh  Niall  Ross  gu  maith  bho 
na  laithean  anns  an  robh  sinn  e6mh:a  an 
Dun-eideann,  agus  cha  do  rinn  na  bliadh- 
nachan  atharrachadh  air  bith  air  ach  a 
nihain  gu'n  d'  fhas  e  na  bu  chudthromaiche 
am  fianuis  an  t-saoghail,  agus  na  b'  ainmeile 
am  measg  a  luchd-diithcha  na  bha  e  'n  a 
oige.  B'  e  an  aon  duine  a  bha  ann  o  oige 
gu  'aois ;  duine  gun  mhi-rtm,  gun  fhuath, 
gun  droch  fhuil,  no  gamhlas,  no  olc  'n  a 
chridhe  ;  duine  a  bha  air  a  dheanamh  ann 
am  molldair  dha  fhein,  agus  aig  an  robh  a 
cheart  sholuimteachd  'n  a  ghne  agus  'n  a 
inntinn  's  a  bha  aige  'n  a  labhairt  agus 
'n  a  liubhairt,  'n  a  choltas  agus  'n  a 
choiseachd. 

Rugadh  e  an  Gleann-dail  anns  an  Eilean 
Sgitheanach  ;  bha  e  air  oileanachadh  an 
Diln-eideann,  agus  air  a  chur  air  leth  gu 
obair  na  ministrealachd  an  1904  le  Cleir 
Dhim-eideann.  Shaothraich  e  greis  an 
Kirkcaldy,  agus  greis  eile  an  Obar-eathain, 
ach  an  1913  bha  e  air  a  shuidheachadh  an 
eaglais  Buccleuch  an  Dun-eideann  far  an 
d'  fhan  e  deich  bhadhna,  gus  an  robh  e  air 
a  ghairm  gu  sgir  Lagain,  am  Baideanach, 
far  an  do  shiubhail  e,  aig  tri  fichead  's  a 
dha  dheug.  Dh'  fhag  e  bean  agus  triiiir 
chloinne  'n  a  dheidh  ;  da  mhac  agus  nighean. 
Ged  bha  Niall  Ross  'n  a  mhinistear  dleasdan- 
ach  agus  freasdalach  am  measg  an  t-sluaigh 
anns  a  h-uile  coimhthional  anns  an  do 
shaothraich  e,  cha  b'  e  obair  anns  an  eaglais 
a  tharruing  aire  na  dtithcha  chuige  ach  an 
uidh  a  bha  aige  ann  an  canain  agus  ann  an 
ceol  a  dhtithcha,  agus  an  gaol  a  bha  aige 
air  a  bhi  air  cheann  na  cuideachd  aig  na 
Comhdhailean  mora  a  bhios  aig  a'  Chomunn 
Ghaidhealach  a  h-uile  bliadhna. 

Chan  'eil  duine  eile  beo  an  diugh  a  b" 
fhaide  a  bha  dol  a  dh'  ionnsuidh  a'  Mhoid 
na  Niall  Ross,  oir  bha  e  aig  a'  cheud  Mhod 
anns  an  Oban,  far  an  do  choisinn  e  duals 
air  son  "  Am  faigh  a'  Ghaidhlig  bas  ?  " 
aithris,  agus  cha  chuireadh  e  ionghnadh 
orm  a  chluinntinn  gu'n  robh  e  aig  a  h-uile 
Mod  bhuaith  sin.  Is  e  an  eiginn,  no  tinneas, 
no  a  bhi  am  mach  as  an  duthaich  a  chumadh 
as  e,  agus  a  thaobh  's  gu'm  biodh  e  daonnan 
anns  an  deise  Ghaidhealaich,  agus  gu'n'robh 
e  gu  nadurra  dreachmhor  'n  a  phearsa  agus 
morchuiseach  'n  a  ghluasad,  bha  e  cho 
comharraichte  am  measg  dhaoine  eile  's 
gu'm  biodh  Goill,  agus  coigrich,  agus  luchd- 
nam-paipear-naidheachd,  a  foighneach,  Cd 
an  duine  sin  ? 


Anns  a'  Chomunn  Ghaidhealach  chaidli 
e  troimh  'n  h-uile  ceum  de  'n  fhoghlum,  ma 
dh'  fhaodas  mi  a  chur  mar  sin,  o'n  eheum  as 
Isle  gus  an  ceum  as  airde.  Thoisich  e  le  bhi 
a'  gabhail  pairt  anns  na  comh-fharpuisean, 
agus  chriochnaich  e  le  bhi  'n  a  Cheann- 
suidhe  air  a'  Chomunn,  agus  eadar  bonn 
agus  mullach  an  fharaidh  bha  e  air  a  h-uile 
steap  eile  cuideachd,  'n  a  Bhreitheamh  air 
aithris,  air  bardachd,  agus  air  ceol,  agus  'n 
a  bhall  air  Comhairle  a'  Chomuinn.  B'  esan 
a  bha  'n  a  Cheann-suidhe  air  a'  Chomunn 
a'  bhliadhna  a  chaidh  Ramsay  Domhnullach, 
Priomh  Mhinistear  a'  Chruin,  a  dh'  ionnsuidh 
a'  Mhoid,  an  Gearasdan  Inbhir-Lochaidh. 
Chord  a  thurus  cho  maith  ris  an  Ard- 
Riaghlair  agus  chunnaic  e  gu'n  robh  an 
obair  a  bha  an  Comunn  a'  deanamh  cho 
feumail  anns  a'  Ghaidhealtachd,  agus  cho 
measail  an  suilean  an  t-sluaigh,  's  gu'n  do 
chuir  e  roimhe  gu'n  tugadh  an  Riaghaltas 
gniiis  do'n  obair  sin  le  urram  o'n  Righ  a 
thoirt  do'n  Cheann-suidhe,  Niall  Ross.  Sin 
mar  fhuair  e  C.B.E.,  agus  bliadhnachan  'n 
a  dheidh  sin  thug  Oilthigh  Ghlaschu  D.D. 
dha. 

Bha  Gaidhlig  mhaith  aige,  den  t-seorsa 
mhor  ghasda  anns  a  bheil  leabhraichean 
Oisean  air  an  sgriobhadh,  agus  sgriobhadh 
is  labhradh  e  Gaidhlig  ann  an  doigh  riomhach 
agus  staideil.  Bha  e  maith  air  ceol  agus  cha 
robh  a  bheag  de  dhaoine  anns  an  duthaich 
a  b'  eolaiche  air  eachdraidh  agus  obair 
Chloinn  Mhic  Crimmoin.  Ach  eadhon  'n 
a  cheol  agus  'n  a  bhardachd  b'e  cainnt  agus 
doighean  Oiseanach  a  b'  fhearr  leis,  oir  is 
ann  ris  an  t-saoghal  sin  a  bha  a  dhualchas 
gu  nadurra,  agus  cha  b'  ann  ris  an  t-saoghal 
eile  anns  a  bheil  am  bith  agus  am  beatha 
agus  an  gluasad  aig  na  h-Eileanaich,  saoghal 
niireagach,  luinneagach,  luaineagach,  abh- 
achdach,  far  a  bheil  barrachd  de  cheol-gaire 
na  tha  ann  de  osnaich  laoch  an  talla  naii 
stuadh,  mar  theireadq  Oisean. 

Bha  iiidh  aig  Niall  Ross  ann  an  litreachas 
Ghaidhlig,  agus  deagh  eolas  aige  air  obair 
sgoilearan  Albannach  agus  Eireannach,  ach 
anns  a'  cheum  sin  cuideachd,  b'  fhearr  leis 
obair  mhor  na  obair  mhean,  agus  anns  an 
leabhar  ghasda  a  chuir  e  a  mach  an  1939, 
fo  sgiath  a'  Chomuinn,  Scottish  Gaelic  Texts 
Society,  b'  e  an  cuspair  a  roghnaich  e, 
"Orain-mhora  nan  Laoch  a'  Leabhar  Deadhan 
Lios-mor.  "  Bha  e  air  a  chuideachadh  gix 
mor  ann  an  deasachadh  an  leabhair  sin  le 
lamh  a'  ghrinneis,  am  fear  nach  maireann, 
Seumas  Mac  Gille  Mhicheil  Mac  Bhatair, 
agus  tha  obair  mhaith  ann.  An  uair  mu 
dheireadh  a  chunnaic  mi  Niall  Ross  bha 
sinn  ann  an  carbad-iaruinn  air  an  rathad 


ATG  AN  UTNNETG— ANNS  A'  CHATHAIR 


do  Dhun-eideaun,  agus  fad  na  h-uine  blia 
e  ag  aithri^  dhomh  bardachd  a  bha  e  a' 
deanamh  mu'n  chogadh  aims  an  t-seann 
rian  mhor  staideil,  agus  a'  feuchainn  ri 
thoirt  orm  a  chreidsinn  nach  'eil  doigh  eile 
cho  freagarrach  rithe  air  gniomharan  uamhas- 
ach  nan  laithean  so  agus  gaisgealachd  nan 
saighdearan  a  chur  an  ceill.  Ach  thainig  a' 
chrioch  air,  gun  an  obair  sin  ach  'n  a 
toiseach. 

Ged  bha  cho  maith  leis  a  bhi  air  fhaicinn 
anns  an  deise  Ghaidhealaich  ri  bhi  air  fhaicinn 
ann  an  casag  niinisteir  cha  d"  islich  e  riamh 


dreuchd  na  niinistrealachd,  agus  cha  mho 
a.rinn  e  dearmad  air  obair  na  sgire.  Bha 
urram  crabhach  agus  soluimteachd  ann  gu 
nadurra,  gun  aotrumas  no  mi-chiiram,  agus 
CO  riamh  a  chuala  facal  naimhdeil  no  nimheil 
o  bheul  Neill  Ross  ?  Bha  e  cho  beusach  ri 
maighdinn.  Bithidh  moran  ionndrainn  air 
aig  na  daoine  a  b'  fhearr  a  bha  'g  a  thuigsinn, 
oir  bu  leir  dhaibh  nach  robh  ann  ach  an  aon 
duine,  duine  reidh,  agus  duine  ciuin,  agus 
duine  gun  uabhar,  ged  shaoileadh  tu  le 
fhaicinn  a'  sraideamachd  aig  Mod  gur  e  da 
dhuine  a  bha  ann. 


Anns  a'  Chathair 


AM  measg  nan  uile  leabhraichean  a  thainig 
a  mach  o  chionn  da  fhichead  bhadhna  chan 
'eil  gin  eile  as  feumaile  do  mhinistearan  oga 
na  na  coig  leabhraichean  mora  a  chuir  an 
t-Ollamh  Seumas  Hastings  a  mach  fo  'n 
ainm  "  Foclair  a'  Bhiobuill."  Sin  an  leabhar 
(de'n  t-seorsa  so)  as  fhearr  a  bha  riamh  air 
a  sgriobhadh,  leabhar  anns  a  bheil  eolas 
agus  gliocas  agus  sgoilearachd  agus  urram 
diadhaidh  ri  fhaicinn  air  a  h-uile  duilleig. 

Bha  ealain  anabarrach  aig  Hastings  air 
na  daoine  ceart  a  thaghadh,  gu  bhi  'g  a 
chuideachadh,  ach  feumaidh  mi  a  radh  gu 
robh  e  riamh  'n  a  ionghnadh  dhomh  car  son 
a  dh'  iarr  e  air  mo  sheana  Mhaighstir  agus 
m'  Fhear-teagaisg,  ant-OUamh  Flint,  sgriobh- 
adh mu  Sholamh,  an  uair  a  dh'  fhaodadh  e 
iarraidh  air  sgriobhadh  air  iomadh  cuspair 
eile  a  b'  fhearr  a  fhreagradh  air,  oir  dithis 
dhaoine  a  b'  eu-coltaiche  ri  cheile  'n  an  gne 
agus  'n  an  doighean,  na  Solamh  agus  Pro- 
fessor Flint,  cha  robh  riamh  air  an  t-saoghal. 
Chan  'eil  teagamh  nach  robh  a"  bhann  so 
eatorra,  an  gaol  a  bha  aca  le  cheile  air 
Eolas,  ach  a  mach  bhuaith  sin  bha  iad  cho 
fada  o  cheile  's  a  b'  urrainn  dithis  dhaoine 
a  bhith  ;  an  dara  fear  cho  gaolach  air 
spagadagliog  agus  gloir  shaoghalta  agus 
comunn  bhan  's  nach  biodh  e  beo  as  an 
eugmhais,  agus  am  fear  eile  a'  fuireach  ann 
an  saoghal  onrachadach  leis  fhein  gun 
smuain  aige  idir  air  airgiod  no  air  gloir 
shaoghalta  no  idir  idir  air  mnathan. 

Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  nach  do  rinn 
Flint  an  obair  a  thug  Hastings  dha  ri  dhean- 
amh  gu  maith  agus  gu  ro-mhaith  ;  sgriobh 
e  mu  Sholamh  gu  cothromach  agus  gu 
tuigseach,  agus  ma's  maith  mo  bharail,  le 
coinneal  na  firinn  'n  a  laimh. 

Tha  e  duilich  a  radh  ciod  an  seorsa  duine 
a  bha  ann  an  Solamh  gu.  fior,  ach  faodar  a 
radh  co  dhiubh  nach  bu  duine  e  a  bha  air 


a  chriathradh  no  air  a  glilanadh  ;  ma  bha 
cruithneachd  ann  bha  moll  ann  cuideachd 
agus  gu  leoir  de  smodan. 

Tha  e  air  a  radh  gu  robh  gliocas  agus  eolas 
aige  OS  cionn  nan  uile  dhaoine  eile  a  bha 
beo  'n  a  linn,  ach  an  uair  a  leughas  tu 
eachdraidh  a  bheatha  chan  fhaic  thu  comh- 
arradh  air  bith  gu'm  bu  duine  glic  e  ach  a 
mhain  gu'n  d'  iarr  e  air  Dia  gliocas  a  thoirt 
dha.     Sin  gun  teagamh  comharradh  maith. 

Cha  bhuineadh  gliocas  Sholaimh  do'n 
ghliocas  sin  a  tha  air  ardachadh  le  faidhean 
agus  abstoil ;  eagal  an  Tighearna  no  an 
gliocas  o  shuas.  Chan  urrainnear  a  radh 
gu'm  bu  duine  stuama  no  gu'm  bu  duine 
diadhaidh  e,  agus  ciod  is  fhiach  gliocas  gun 
an  da  ni  sin,  diadhaidheachd  agus  stuamachd 
no  fein-smachd. 

Cha  robh  seann  aithrichean  na  h-eaglais 
idir  aon-sgeulach  a  thaobh  cor  Sholaimh 
anns  an  t-saoghal  eile  an  deidh  a  bhais  ;  bha 
cijid  dhiubh  de'n  bheachd  gu'n  deachaidh  e  a 
dhith  ach  bha  dochas  aig  cuid  eile  gu'n  robh' 
e  air  a  shaoradh,  gidheadh  mar  tre  theine. 

Ged  bha  Solamh  cho  ainmeil  am  measg 
nan  ludhach  ceithir  no  coig  ceud  bliadhna 
an  deidh  a'  bhais,  cho  ainmeil  's  gu'n  robh 
uiread  s.geulachdan  air  an  innseadh  uime  am 
belli  aithris  an  t-sluaigh  "s  a  tha  air  an 
innseadh  mu  Chalum-cille  agus  mu  naoimh 
eile,  cha  do  ghabh  na  faidhean  suim  air  bith 
dheth.  Leig  iad  a  shiubhal  leis.  Saoilidh 
mi  nach  maith  an  comharradh  sin  air  diadh- 
aidheachd no  gliocas  Sholaimh  oir  b'  ann  aig 
na  faidhean  a  bha  na  h-inntinnean  a  bu 
spioradaile  ann  an  Israel. 

Fhuair  Solamh  ainm  a  bhi  'n  a  dhuine  glic 
a  chionn  gu  robhtar  a'  creidsinn  gur  ann  o 
bhilean  a  thainig  an  gliocas  saoghalta  a  gheibh- 
ear  ann  an  Leabhar  Ecclesiastes  agus  ann  an 
Leabhar  nan  Gnath-fhacal,  agus  a  chionn  gu 
robh  e  a'  tuigsinn  cridhe  mhic  an  duine  mar 
gu'n  robh  e  'ga  fhaicinn  gun  bhrat  gun  sgaile 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


air.  A  thuilleadh  air  sin,  an  uair  a  shuidheadL 
e  mar  Bhreitheamh  air  ciais  air  bith  bha  e  cho 
beachdail  's  nach  rachadh  dad  seachad  air  a 
shiiil,  agus  cho  seolta  agus  cho  gleusda  's 
gu'n  tugadh  e  e  fhein  a  glais  far  an  tuiteadh 
daoine  eile  ami  an  rib  an  eunadair.  Sin 
seorsa  sgeulachdan  as  ro  thoigh  le  sluagh,  gu 
sonruichte  ma  tha  iad  air  an  innseadh  mu 
Righ,  no  mu  Naomh,  no  mu  Ghaisgeach,  aig 
a  bheil  cearcall  oir  m'a  cheann.  Tha  miltean 
de  na  sgeulachdan  sin  air  an  innseadh  mu 
Sholamh  ;  chaidh  iad  a  mach  gu  iomalla  na 
talmhainn,  air  an  innseadh  le  seanachaidhean 
ludhach  agus  Arabach  agus  Eireannach  agus 
Etiopach  agus  Innseannach,  agus  mar  sin  a' 
craobh-sgaoileadh  a  chliti  agus  meud  a 
ghliocais  air  feadh  an  t-saoghail. 

Anns  a'  Bhiobull  gheibhear  cunntas  air 
beatha  agus  obair  Sholaimh  ann  an  ceud 
Leabhar  nan  Righrean  (III -XI)  agus  ann 
an  dara  Leabhar  Eachdraidh   (I-IX). 

Bha  Solamh  marbh  corr  agus  ceithir  cheud 
bliadhna  m'  an  robh  gin  de  na  leabhraichean 
sin  air  an  sgriobhadh,  air  chor  agus  nach  'eil 
againn  annta  ach  an  dealbh  a  dh'  fhan  bed 
anns  an  eaglais  ludhaich  air  an  righ  mhor 
agus  ghlormhor  a  rioghaich  thairis  orra  anns 
na  laithean  o  shean,  righ  a  thug  barr  air 
Daibhidh  fhein  ann  an  cumhachd  agus  ann 
an  gloir. 

Ged  tha  e  air  a  radh  gu  robh  tir  a'  gheall- 
aidh  a'  sruthadh  le  mil  agus  bainne  cha  robh 
ann  an  luchd-aiteachaidh  na  tire  sin  ach 
daoine  bochd,  cho  bochd  an  de  's  a  tha  iad 
an  diugh  agus  tha  e  furasda  ionghnadh  agus 
eadhon  fiamh  a  dhiisgadh  an  cridhe  nam 
bochd  le  sealladh  a  thoirt  dhaibh  air  riomh- 
adh  agus  greadhnachas  nach  f  haca  iad  riamh 


roimhe.  Chunnaic  na  h-Iudhaich  sin  an  uair 
a  bha  Solamh  air  a'  Chrim  ;  chunnaic  iad  an 
teampull  maiseach  a  thog  e,  anns  an  robh  na 
coinnlean,  na.soithichean  agus  an  airneis  uile, 
air  an  deanamh  de  or  fior-ghlan.  Chunnaic 
iad  na  liichairtean  a  chuir  e  suas  dha  fhein  ; 
aireanih  agus  riomhadh  a  sheirbhiseach  agus 
pailteas  agus  soghaltachd  a  bhuird,  agus  le 
bhi  a'  faicinn  no  a'  cluinntinn  mu  na  nithean 
sin,  air  led  nach  robh  righ  eile  riamh  air 
thalamh  a  ghabhadh  coimeas  ris.  An 
ionghnadh,  ma  ta,  ged  bha  am  facal  so  aca 
ann  an  Israel,  gldir  Sholaimh ! 

Ach  cha  robh  ann  an  gloir  Sholaimh  ach 
gloir  fhalamh  agus  dhiomhain  a  chionn  nach 
robh  ann  fhein  ach  duine  faoin  agus  diomhain, 
a  dh'  aindeoin  na  bha  aige  de  bheartas  agus 
de  chumhachd  an  t-saoghail  so,  agus  na  bha 
aige  de  sheanfhacail  air  a  mheomhair,  agus 
a  dh'  eolas  air  eoin  agus  beisteagan  agus 
craobhan  agus  luibhean.  Bha  e  ro  ghaolach 
air  soghaltachd,  agus  air  spleadhachas,  agus 
air  boirionnaich,  tri  rudan  anns  an  fhearr  am 
beagan  na  am  moran. 

Ma  bha  e  fhein  beartach  rinn  e  a  shluagh 
bochd  leis  na  cisean  a  chuir  e  orra  a  ph^igh- 
eadh  nan  toglaichean  a  chuir  e  suas,  agus  a 
phaigheadh  shaighdearan  air  nach  robh  feum 
eile  ach  a  mheudachadh  a  ghloire  fhein.  Agus 
bha  a  bhuil,  cha  robh  gaol  aig  a  shluagh 
fhein  air,  ged  bhiodh  an  sean  chaidhean  a' 
boilich  uime.  Bha  barrachd  gaoil  air  Daibh- 
idh ann  an  Israel  na  bha  riamh  air  Solamh, 
ged  rinn  Daibhidh  gniomharan  oillteil  a  tha 
mi  an  diiil  nach  deanadh  a  mhac.  Sin  agad 
deagh  chomharradh  air  duine  gaolach,  duine 
d'  an  toir  a  bhraithrean  maitheanas  air  son  a 
lochdan. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


NA'N  robh  airgiod  agam  b'  fhearr  learn  a 
chur  ann  am  fearann  na  ann  am  Banca. 
Theagamh  gu'm  faighinn  barrachd  reidh  as 
a'  Bhanca  ach  gheibhinn  barrachd  solais  as 
an  fhearann,  oir  tha  e  maith  do  chorp  agus 
do  anam  duine  freumhaichean  a  bheatha  a 
bhi  anns  an  talamh.  "  Tha  aon  ghinealach 
a'  siubhal  agus  ginealach  eile  a'  teachd  ; 
ach  fanaidh  an  talamh  gu  brath." 

Chan  ann  gun  aobhar  a  thachair  e  gu  robh 
riamh,  agus  gu  bheil  fhathast,  uachdarain- 
fearainn  air  an  cunntas  mar  sh^r-uaislean 
agus  mar  dhaoine  mora  na  rioghachd. 
Bhuineadh  iad  do'n  talamh  is  bhuineadh  an 
talamh  dhaibh,  agus  ged  a  bhiodh  daoine 
eile  a'  tighinn  an  diugh  's  a  falbh  am  maireach 
bha  iadsan  a,'  fantuinn  gu  brath,  a'  freumhach- 
adh  agus  a'  fas  laidir  mar  chraoibh  dharaich. 


Duine  a  tha  a  chomhnuidh  am  bliadhna  ann 
an  aon  bhaile  no  ann  an  aon  siorramachd, 
agus  an  ath  bhhadhna  am  baile  no  an 
siorramachd  eile  ciod  as  fhearr  e  na  ludhach  ; 
chan  'eil  ann  ach  fogarrach  air  an  talamh, 
moll  air  a  sgapadh  leis  a'  ghaoith.  Ach  am 
fear  a  tha  a  chomhnuidh  air  an  fhearann  o 
chionn  nan  ceudan  bliadhna,  'n  a  oighre 
agus  'n  a  fhear-gleidhidh  air  cliu,  agus 
inbhe,  agus  maoin,  agus  cothrom  a  dhaoine, 
tha  a  fhreumhaichean  laidir  agus  daingean, 
agus  mar  chraoibh  suidhichte  laimh  ri 
sruthaibh  uisge  cha  chaill  e  a  dhuilleach. 

Uachdarain  agus  iochdarain 

Tha  moran  dhaoine  ami  an  diugh  leis  nach 
toil  na  facail  uachdarain  agus  iochdarain,  no 
maithean   agus   mithean,   no   uaislean   agus 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


islean  ;  chan  'eil  agad  ach  am  facal  Beurla 
aristocracy  a  chleachdadh  'n  an  eisdeachd  is 
fasaidh  iad  cho  dearg  le  feirg  ri  cirean 
colli ch-Fhrangaich.  Tha  iad  a'  saoilslnn  gu 
bheil  e  cearr  urram  a  thoirt  do  aon  duine 
nach  toirear  do  dhuine  eile,  no  urram  a 
thoirt  do  dhaoine  air  sgath  an  inbhe  shaogh- 
alta.  Air  uairean  tha  an  leanabalas  sin  ag 
eirigh  o  fharmad  no  o  fhuath,  ach  mar  is 
trice,  tha  e  ag  eirigh  o  chion  tuigse. 

Cha  dean  e  miighadh  air  bith  do  chiirsa 
naduir  agus  do  ghnaths  na  diithcha  nach 
toil  leatsa  no  leamsa  gu'm  biodh  daoine  air 
an  roinn  mar  uaislean  agus  islean,  no  gu'm 
bitheamaid  ag  aideachadh  gu  bheil  e  maith 
do'n  rioghachd  daoine  a  bhi  innte  ris  an 
abrar  sar-uaislean  no  daoine-mora  na  tire. 
Bha  an  roinn  sin  air  a  deanamh  o  thoiseach 
an  t-saoghail,  agus  bithidh  gu  brath,  agus 
chan  'eil  ann  ach  faoineas  a  bhi  an  dviil 
gu'n  tig  an  la  anns  nach  deanar  i. 

Co  dha,  ma  ta,  a  ni  sinn  ar  beic,  no  co  na 
maithean  a  chuireas  sinn  anns  a'  cheud 
sreath  ?  An  ann  do  luchd  an  fhoghluim,  no 
do  luchd  an  airgid,  no  do'n  luchd -riaghlaidh  ? 
Air  mo  shon  fhein  dheth  tha  mi  an  dochas 
nach  caill  uachdarain  an  fhearainn,  aig  a 
bheil  an  uaisle  'n  am  full,  gu  brath  an  aite- 
seasaimh  's  an  tir,  oir  chan  'eil  seorsa  eile 
againn  as  an  earbainn  cho  cinnteach  gu'n 
cumadh  iad  an  solus  glan  beo  ann  am  beatha 
na  rioghachd  ;  modh,  agus  grinneas,  agus 
uaisle,  agus  na  nithean  eile  a'  tha  a'  dealach- 
adh  an  duin-uasail  o'n  iimpaidh. 

Suairceas  nan  Gaidheal 

An  uair  a  bhios  coigrich  no  luchd-turuis  ag 
innseadh  mu  na  Gaidheil,  agus  gu  sonruichte 
mu  na  h-Eileanaich,  bithidh  iad  daonnan  a' 
tighinn  thairis  air -modh  agus  suairceas  an 
t-sluaigh  ;  ag  innseadh  cho  modhail  's  a  tha 
iad  'n  an  cainnt  agus  'n  an  giiilan,  agus  cho 
furasda  's  a  tha  e  dhaibh  iad  fhein  a  thoirt 
as  ann  an  cuideachd  air  bith  anns  am  bi  iad, 
CO  dhuibh  a  tha  iad  a'  bruidhinn  ri  ceard  no 
ri  ministear,  ri  treabhaiche  no  ri  uachdaran. 
Tha  fada  barrachd  airgid  aig  gualadairean 
agus  luchd-obair  nam  bailtean  mora  na  tha 
aig  croitear  ann  an  Uidhist  no  anns  an  eilean 
Sgitheanach,  ach  a  dh'  aindeoin  bochdainn 
agus  luimead  a  chrannchuir  tha  speisealachd 
agus  uaisle  nadurra  anns  a'  chroitear  nach 
fhaighear  ann  an  each.  Tha  mise  an  diiil  gur 
e  an  t-aobhar  dha  sin  gu  bheil  e  air  acrachadh 
ris  an  fhearann,  a  tha  a'  cur  neart  agus  neo- 
eisiomaileachd  'n  a  phoraibh.  Ann  an  seagh 
fior  chan  'eil  aristocracy  no  sar-uaislean  am 
Breatunn  an  diugh  as  gloine  fuil,^  no  as 
cinntiche  an  sinnsearachd,  no  as  fhaide  an 
coir    agus    an    tuineachas    air    fearann    an 


aithrichean,  na  na  croitearan  Gaidhealach. 
Agus  ciod  air  bith  a  their  thusa,  a  leughadair, 
tha  mise  cinnteach  gur  e  so  an  t-aobhar  gu 
bheil  e  an  da  chuid  na's  fhasa  agus  na's 
nadurra  do  chlann  croiteir  faotainn  air  an 
aghaidh  anns  an  t-saoghal  na  tha  e  do  chlann 
luchd-oibre  anns  a'  bhaile  mhor. 

,        Tuathanchas  na  Gaidhealtachd 

Ach  ged  thainig  mi  thairis  air  na  nithean 
so  cha  b'  e  so  idir  a  bha  'n  am  inntinn  an 
uair  a  thog  mi  am  peann  agus  a  thoisich  mi 
air  bruidhinn  air  an  t-s61as  a  bheir  e  do 
dhuine  freumhaichean  a  bheatha  a  bhi  dol 
sios  anns  an  talamh.  Aiv  tiis  thug  Dia 
aithne  do  mhac  an  duine  an  talamh  a 
"  cheannsachadh,"  agus  anns  nn  laithean 
deireannach  so  chan  'eil  toilinntinn  eile  as 
gloine  agus  as  maireannaiche  na  bhi  a' 
maitheachadh  agUs  a'  maiseachadh  crioman 
fearainn  a  bhuineas  dhuit,  a'  ceannsachadh 
fheanntagan  agus  chopagan  agus  bh^iaghlain 
bhuidhe  agus  a'  cur  'n  an  aite  luibhean  a  tha 
boidheach  agus  feumail.  Ach  ged  tha  iarr- 
aidh  aig  na  Gaidheil  air  fearann  chan  'eil  mi 
an  dull  gu  robh  gaol  an  talaimh  riamh  'n  an 
cridhe,  no  gaol  aca  air  a  bhi  'g  a  oibreachadh. 
Bha  gaol  aca  air  croit  fhaotainn  mar  dhach- 
aidh,  agus  am  beo-shlaint  fhaotainn  aisde, 
ach  laimhsicheadh  iad  i  mar  nach  robh  innte 
ach  dalta  nighinn. 

Bu  mhaith  leam  a  chreidsinn  gu  bheil 
tuathanachas  nan  Eileanan  Gaidhealach  a' 
tighinn  ak  adhart  ach  tha  fianuis  mo  shiil 
ag  innseadh  dhomh  nach  'eil.  Ma  tha 
atharrachadh  ann,  tha  i  a'  dol  air  ais.  Ann 
an  aon  eilean  beag  anns  a'  Ghaidhealtachd 
an  deireadh  an  t-samhradh  chitheadh  tu 
barrachd  salchair  am  measg  a'  bharra  na 
chitheadh  tu  ann  an  siorramachd  mhor 
Obar-eathain  o  cheann  gu  ceann,  gun  oidhirp 
idir  'g  a  dheanamh  air  an  t-salchar  a  spionadh 
no  na  h-achaidhean  a  ghlanadh.  Is.  e  an 
t-aobhar,  gii  bheil  gaol  aig  muinntir  Obar- 
eathain  air  a  bhi  ag  oibreachadh  agus  a' 
maitheachadh  an  talaimh  nach  robh  riamh 
aig  na  Gaidheil. 

Aghaidh  na  duthcha 

Tha  moran  bruidhne  air  a  dheanamh  mu 
chor  na  Gaidhealtachd  an  diugh  mar  gu'n 
robh  fearann  air  a  chumail  o  dhaoine  bochda 
air  a  bheil  an  cridhe  an  geall,  fearann  a 
mheudaicheadh  biadh  agus  pailteas  anns  an 
rioghachd  na"n  robh  e  air  a  thoirt  dhaibh, 
ach  is  e  an  fhirinn  nach  'eil  crioman  eile  de 
Bhreatunn  as  lugha  a  chuir  ri  stor-bidh  na 
rioghachd  o  thoisich  an  cogadh  na  Gaidhealt- 
achd na  h-Alba  agus  na  h-Eileanan.  O'n 
Bhuta  Leodhasach  gus  an  Roinn  Ilich  tha 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


iad  a'  faotainn  am  brochainn  agus  am  bidh 
a  Glaschu  mar  a  b'  abhaist. 

Chan  'eil  a  bheag  de  chroitean  nach  rach- 
adh  aig  aon  duine  air  a  h-oibreachadh  leis 
fhein,  agus  air  a  cumail  cho  glan  ri  garradh- 
cail,  na'n  robh  gaol  an  talaimh  'n  a  chridhe, 
an  gaol  a  bheir  ort  a  bhi  'g  a  thionndadh 
agus  'g  a  chireadh  gun  sgur,  o  mhoch  gu 
dubh.  Na'n  robh  an  gaol  so  ann  an  cridhe 
na  tuatha  cha  bhiodh  raontan  farsuing  a' 
dol  fo  rainneach  no  fo  dhiogain,  agus  gun 
duine  a'  toirt  siiil  orra  ;  no  achaidhean  anns 
am  bu  choir  feur  maith  no  cfoirce  a  bhi  fas 
air  am  bathadh  le  uisge  a  chionn  nach  cuir 
na  daoine  leis  an  leis  iad  de  dhragh  orra  fhein 


's  gu'n  glan  iad  dig.  Ciod  air  bith  am  port 
anns  an  cuir  te  de  bhataichean  Mac  Brayne 
air  tir  thu  an  diugh  chi  thu  romhad  agus 
air  gach  taobh  dhiot  comharraidhean  fol- 
laiseach  na  mi-sgoinne,  talamh  air  a  dhroch 
ghiollachd  ;  garraidhean  'n  an  sineadh, 
geatachan  gun  bhannan  agus  cinn-leapachan 
a'  dimadh  bhealach  ;  feanntagan  agus  cop- 
agan  agus  diogain  agus  buinneagan  a'  fas 
na's  airde  na'n  coirce  ;  is  iomairean  tiiirneap 
agus  buntata  a'  tighinn  beo  le  salchar. 

Sin  mar  tha  gnothuichean  an  diugh  ; 
obair  gu  leoir  ri  dheanamh  agus  i  gun  dean- 
amh,  a  chionn  nach  'eil  fior  ghaol  an  talaimh 
ann  an  cridhe  ar  sluaigh-ne. 


Morachd  Dhe 


O  !   ciod  e  Dia,-  no  ciod  e  ainm, 
Cha  tuig  na  h-ainglean  's  aird'  an  gloir  ; 
E  'n  solus  dealrach  foluicht'  uath', 
Far  nach  ruig  silil  no  smuain  'n  a  choir. 

Cha  robh  e  6g,  is  sean  cha  bhi, 
O  shior  gu  sior  gun  chaochladh  staid  ; 
Cha  tomhais  grian  no  gealach  aois, 
Oir  's  nit  he  caochlach  iad  air  fad. 

Co  chuairticheas  do  bhith,  a  Dhe  ? 
An  doimhne  shluig  gach  reusan  suas  ; 
'N  an  oidhirpibh  tha  ainglean  's  daoin' 
Mar  shligean  maoraich  glacadh  chuain. 


0  bhithbhuantachd  tha  thus'  ad  righ, 
'S  ni  bheil  'san  t-saogh'1-s'  ach  ni  o'n  de  ; 
O  !    's  beag  an  eachdraidh  chualas  dhiot, 
'S  cha  mhor  de  d'  ghniomh  a  ta  fo'n  ghrein. 

An  cruthachadh  cha  dean  le  ghloir, 
Lan-fhoillseachadh  air  Dia  nam  feart  ; 
Chan  'eil  's  na  h-oibre  ud  gu  leir, 
Ach  taisbean  earlais  air  a  neart. 

Oir  ni  bheil  dadum  cosmhuil  riut, 
Am  measg  na  chruthaich  thu  gu  leir  ; 
'S  am  measg  nan  daoine  ni  bheil  cainnt, 
A  labhras  t'ainm  ach  t'  fhacal  fein. 

Dughall  Bochannan. 


Urnuigh  air  son  Sheoladairean 


0,  Athair  shiorruidh,  Dhe  nam  feart, 
A  chuir  an  cuan  fo  gheil  le  d'  neart  ; 
Tha  toirt  na  h-aithne  mhoir  do'n  mhuir, 
'S  a  criochan  roimhp'  air  tus  a  chuir  : 
An  urnuigh  eisd  tha  'g  eirigh  uainn, 
As  leth  na  dream  tha  'n  gabhadh  cuain. 

O,  Chriosd  a  chuir  an  fhairg  fo  fhiamh, 
'S  a  chaochail  fearg  nan  stuadh  gu  fiath, 
A  shiubhail  aghaidh  gharg  a'  chuain, 
'S  a  ghabh  'san  stoirm  gu  cliiin  do  shuain. 
An  urnuigh  eisd  tha  'g  eirigh  uainn. 
As  leth  na  dream  tha  'n  gabhadh  cuain. 


O,  Spioraid  Naoimh,  a  laigh  a  chian, 
Air  bharr  na  doimhne  duibh,  gun  rian. 
A  chaisg  gach  buaireas  borb  is  stri 
'S  a  shiolaidh  gleachd  nan  diil  gu  sith. 
An  urnuigh  eisd  tha  'g  eirigh  uainn, 
As  leth  na  dream  tha  'n  gabhadh  cuain. 

A  Thrianaid  mhoir  nam  buadh  's  nan  gras, 
D'ar  braithrean  bi  ad  sgiath  's  gach  cas, 
Bho  namh,  bho  chreig,  bho  theine  's  sian, 
Gach  aird  g'an  seol  iad  dean  an  dion. 
An  sin  eiridh  dhuit,  o  mhuir  is  tir, 
Ard  laoidhean-molaidh  ait  gu  sior. 

William  Whiting. 
Ead.  le  Iain  MacLeoid. 


Urnuigh 


Ar  n-anman  deachd,  O  Spioraid  Dhe, 

Is  soillsich  sinn  le  leus  o  neamh  ; 

Spiorad  an  ungaidh  's  tu  gu  beachd, 

Sar  bhuaidhean  priseil  bho  d'laimh  a'  teachd. 


lonnail  is  ung  ar  gniiis  do  ghnath, 
Dean  aoibhinn  sinn  le  meud  do  ghrais ! 
Cum  cian  ar  namh  ;    'n  ar  tir  biodh  sith  : 
Fo  t'  iuil-sa  cha  bhi  lochd  no  dith. 

John  Cousin. 
Ead.  le  Gilleasbuig  Mac  Dhomhnaill. 


Aireamh    7 


1944 


Saorsa  a'  Chreidmhich 


Cia  dhiubh  a  tha  e  ceart  am  fianuis  DM  disdeachd  ruibhse  a  roghainn  air  Dia,  thugaibh-se 
breith ;  oir  chan  urrainn  dhuinne  gun  na  nithean  a  chunnaic  agus  a  chuala  sinn  a  labhairt. 

— Gniomharan,  iv.  19,  20 


THUG  an  t-iomradh.  a  bha  air  a  dhe^anamh 
air  an  leigheas  a  rinn  na  h-abstoil  air  an  duine 
bhacach  aig  geata  an  teampuill  moran  sluaigh 
cruinn,  agus  ghabh  Peadar  an  cothrom  air 
Criosd  a  shearmonachadh  dhaibh  ;  "  losa  a 
thug  sibhse  thairis,  agus  a  dh'  ^ichaidh  sibh 
air  beulaibh  Philait,  ach  a  thog  Dia  o  na 
mairbh,  air  am  bheil  sinne  'n  ar  fianuisean." 

Ach  am  feadh  a  bha  e  a'  labhairt  ris  an 
t-sluagh  thainig  na  sagartan  agus  ceannard 
an  teampuill  agus  na  Sadusaich  orra ;  chuir 
iad  an  s4s  na  h-abstoil  agus  thilg  iad  anns  a' 
phriosan  iad.  Theagamh  gur  e  an  lethsgeul 
a  ghabh  iad  air  son  an  lamhachas-laidir  so  a 
dheanamh  air  daoine  neochiontach,  gu  robh 
iad  a'  feuchainn  ri  aimhreit  a  thogail  am 
measg  an  t-sluaigh  ;  ach  b'e  an  fhior  choire 
a  bha  aca  do  na  abstoil,  "gu  robh  iad  a'  cur 
an  ceill  ann  an  losa  aiseirigh  nam  marbh." 
Sin  teagasg  nach  bu  chaomh  leis  na  Sadusaich 
a  chluinntinn. 

Na  Sadusaich 

Bha  na  Sadusaich  na  bu  taireile  air  a' 
chreideamh  Chriosduidh  agus  na  bu  naimh- 
deile  do  na  deisciobuil  na  bha  na  Phairisich 
riamh.  B'  iad  a  bu  mheadhon  air  losa  a  chur 
gu  bas.  Ged  a  bha  na  Phairisich  cumhann  is 
diir,  bha  iad  'nan  daoine  diadhaidh  eudmhor, 
a  reir  an  soluis  ;  ach  cha  robh  anns  na  Sadus- 
aich ach  daoine  saoghalta  ;  ana-creidich  air 
nach  robh  coslas  na  diadhaidheachd  agus  aig 
nach  robh  suim  do  shaoghal  eile.  Bha 
Phairisich  ann  a  nochd  cairdeas  is  gradh  do'n 
t-Sl^nuighear,  an  uair  a  bha  e  air  thalamh  ; 
thug  iad  aoigheachd  dha  'n  an  tighean,  is 
lean  iad  e  mar  dheisciobuil ;  ach  cha  do 
rinn  aon  riamh  de  na  Sadusaich  sin.  Thog 
fear  de  na  Phairisich  a  ghuth  air  taobh 
Pheadair  air  beulaibh  na  Com  hair le  ;  rinn 
fear  eile  dhiubh  an  ni  ceudna  as  leth  Phoil, 
ach  bha  na  Sadusaich  balbh.  Eucoir  ann  no 
as,  cha  rachadh  iad  as  leth  neach  a  bha 
teagasg  aiseirigh  nam  marbh.  Ged  a  bha  na 
Phairisich  na  bu  lionmhoire,  b'ann  aig  na 
Sadusaich  a  bha  cumhachd  is  iighdarras  anns 
an  tir  ;    agus  aon  uair  's  gu'n  d'  thug  losa 


oilbheum  dhaibh-san  bha  a  bhinn  seulaichte. 
Ma  bha  toil  aca  beul  duine  a  dhtmadh,  b' 
aithne  dhaibh  doigh  fhaotainn  air  sin  a 
dheanamh,  oir  b'  iad  fein  maithean  na 
diithcha  agus  puist  na  h-eaglais  aig  an  am. 

Am  maireach  thugadh  Peadar  agus  Eoin  an 
lathair  na  Comhairle  ;  da  iasgair  bhochd  air 
beulaibh  cilirte  anns  an  robh  tri  fichead  's  a 
deich  de  na  cinn  a  b'  fhaide,  na  h-inntinnean 
a  bu  shubailte,  agus  na  teangannan  a  bu 
gheire  anns  an  diithaich.  B'e  a'  chasaid  a 
bha  aca  ri  fhreagairt,  gu'n  do  chuir  iad  ann 
an  ceann  an  t-sluaigh  gur  ann  le  ainm  agus 
le  cumhachd  losa  a  rinn  iad  an  duine  easlan 
slan, — rud  gun  bhun  gun  bharr  ann  am 
beachd  na  Comhairle. 

Cha  bu  bhinn  an  fhuaim  ann  an  cluasan 
nan  Sadusach,  ainm.  losa.  Gach  uair  riamh 
a  thainig  iad  trasd  air  dh'  fhuathaich  iad  e 
is  mhag  iad  air,  agus  mu  dheireadh  cheus  iad 
e.  Shaoil  iad  nach  cluinneadh  iad  an  corr 
tuiUeadh  uime  ;  shaoil  iad  gu'n  eireadh  d'a 
ainm  mar  dh  'eirich  do  ainm  Theudais  agus 
ainm  dhaoine  eUe  a  thainig  gu  neo-ni,  ach 
a  nis  bha  ainm  losa  air  tighinn  beo  a  ris  agus 
a  chumhachd  air  ardachadh  as  iir !  Oir  bha 
na  h-abstoil  a'  de^namh  fianuis  an  eisdeachd 
an  t-sluaigh  gu'n  d'  eirich  e  agus  gu  robh  e 
fathast  maille  riu,  agus  gu  robh  bacaich  air 
an  slanachadh  'na  ainm ! 

Na'm  b'  urrainn  na  sagartan  agus  na 
Sadusaich  aicheadh  nach  robh  am  bacach 
air  a  leigheas  bhiodh  e  furasda  gu  leoir 
dhaibh  a'  ghlas-ghuib  a  chur  air  Peadar 
agus  Eoin.  Ach  cha  b 'urrainn  dhaibh  sin 
I  dheanamh,  oir  bha  an  duine  a  chaidh  a 
leigheas  'na  sheasamh  maille  riu, — an  fhianuis 
a  b'  fhearr  air  bith  air  taobh  nan  abstol.  Sin 
daonnan  an  fhianuis  as  laidire  air  taobh  a' 
chreidimh  Chriosduidh  agus  cumhachd  an 
t-S14nuigheir,  daoine  tinn  air  an  slanachadh, 
peacaich  air  an  atharrachadh,  cridhe  iir  air 
a  chruthachadh  ann  an  .daoine;  a  bha  .gun. 
Dia  gun  dochas,  oran  aoibbneis.  air  a  cliur 
ann  am  beoil  nach  do  rinn  luaidh  riamh 
roimhe  air  maitheas  Dhe. 


SAORSA  A'  CHREIDMHICH 


An  toradh 

Is  e  toradh  a'  chreidimh  Chriosduidh 
coimhthional  nach  gabh  aireamh,  anns  a 
h-uile  duthaich  agus  linn,  de  dhaoine  a 
bha  tinn  le  galair  a'  pheacaidh  agus  a  fhuair 
leigheas  is  slainte  ann  an  losa  Criosd,  daoine 
a  bha  marbh  'n  an  easaontais  agus  'n  am 
peacaidhean  ach  a  bha  air  an  toirt  beo  do 
Dhia  tre  ainm  losa.  Sin  na  fianuisean  as 
fhearr  air  taobh  a'  chreidimh  Chriosduidh, 
agus  chan  e  leabhraichean  sgoilearan  no 
argumaidean  nam  feallsanach,  daoine  easlan 
air  an  slanachadh,  anama  marbh  air  an  toirt 
bed  a  ris. 

Cha  bhi  Criosd  gun  fhianuis  no  an  creide- 
amh  Criosduidh  gun  dearbhadh  cho  fada  's 
a  tha  aori  a.nam  a'  seinn.  "  Beannaich  an 
Tighearna,  0  m'anam,  's  e  mhaith  dhuit  t' 
euceartan  uile  ;  a  shlanuich  t'  euslaintean 
uile  ;  a  shaor  do  bheatha  o'n  t-slochd  ;  a 
shasuich  do  bheul  le  nithe  maithe." 

Ged  nach  b'  urrainn  do'n  Chomhairle  a' 
mhiorbhuil  a  rinneadh  aicheadh,  chuir  iad 
an  cinn  r'a  cheile  a  dh'  fheuchainn  an  aimse- 
adh  iad  air  binn  air  chor-eigin  air  am  biodh 
dreach  a'  cheartais.  Cha  robh  sin  furasda 
dhaibh  ;  chan  'eil  e  uair  air  bith  furasda 
dreach  na  firinn  a  chur  air  rud  anns  nach 
'eil  an  fhlrinn,  no  aogasg  a'  cheartais  a  chur 
air  an  eucoir.  Mar  sin  cha  d'  thainig  as  an 
eagarstaich  ach  an  t-amaideas  agus  a' 
chladhaireachd  ;  dh'  fh^g  iad  a'  cheist  a 
bha  air  beulaibh  na  Comhairle  gun  fhuasgl- 
adh,  ach  mhaoidh  iad  air  Peadar  agus  Eoin. 
"  Dh'  aithn  iad  dhaibh  gun  labhairt  idir  no 
teagasg  ann  an  ainm  losa." 

An  uair  a  sheas  Peadar  am  measg  nan 
seanairean  an  la  ud  bha  e  na  b'  ^irde  na  iad 
uile,  an  ceann  agus  na  guaillean  aige  os  an 
cionn.  Ged  nach  robh  ann  ach  an  t-iasgair 
agus  iadsan  'n  am  pearsacha  mora  eaglais, 
esan  'n  a  phriosanach  agus  iadsan  'n  am 
breitheamhna  air,  bha  e  mar  Phrionnsa  am 
measg  chumantan.  Fhreagair  e  gu  reidh 
duineil,  "  Cia  dhiubh  a  tha  a  ceart  am  fianuis 
Dhe  eisdeachd  ruibhse  a  roghainn  air  Dia 
thugaibh-se  breith  ;  oir  chan  urrainn  dhuine 
gun  na  nithean  a  chunnaic  .agus  a  chuala 
sinn  a  labhairt." 

An  uair  a  chuir  Criosd  a  mach  na  h-abstoil, 
mar  chaoraich  am  measg  mhadadh-alluidh, 
thubhairt  e  riu,  "  Bheir  iad  thairis  sibh  do 
Chomhairlean .;  seadh,  bheirear  sibh  an 
lathair  uachdaran  agus  righrean  air  mo 
sgath-sa,  ach  an  uair  a  bheir  iad  thairis 
sibh,  na  bitheadh  ro-chtiram  oirbh  cionnus 
no  ciod  a  labhras  sibh  ;  oir  bheirear  dhuibh 
anns  an  uair  sin  fein  an  ni  a  labhras  sibh." 
Tha  facal  an  Tighearna  daonnan  seasmhach, 
agus  an  la  ud  air  beulaibh  na   Comhairle 


bha  gealladh  Chriosd  air  a   choimhlionadh 
gu  litireil  do  Pheadar. 

Bha  e  duilich  do  Pheadar  agus  do  Eoin 
dol  an  aghaidh  na  Comhairle  agus  dulain  a 
thoirt  do  dhaoine  mora  ris  an  robh  iad  a' 
sealltuinn  suas  o'n  oige  ;  daoine  aig  an  robh 
seasamh  is  ughdarras  anns  an  duthaich  agus 
d'  an  robh  a  h-uile  balach  ludhach  air  a 
theagasg  urram  dligheach  a  thabhairt ;  ach 
a  nis  bha  aithne  nan  daoine  sin  a'  dol  calg- 
dhireach  an  aghaidh  an  coguis  agus  thubhairt 
na  h-abstoil,  "  Chan  urrainn  dhuinne  gun 
na  nithean  a  chunnaic  agus  a  chuala  sinn  a 
labhairt." 

Gaol  diithcha  agus  Gaol  losa 

Tha  da  ni  ann  a  bheir  daonnan  an  uachdar 
na  buadhan  as  fhearr  ann  an  nadur  mhic  an 
duine,  gaol-dtithcha  agus  gaol-Iosa.  Air  son 
an  diithcha  theid  daoine  an  coinneamh  a' 
bhais  gu  toileach  ;  air  son  an  creidimh  ni 
iad  an  ni  ceudna.  An  uair  a  tha  gradh  do 
Chriosd  l^idir  is  teth  ann  an  cridhe  duine, 
cuiridh  e  a  bheatha  an  suarachas  seach  a  bhi 
neo-dhileas  dhasan  ;  fuilgidh  eadhon  boiri- 
onnaich  6g  agus  an-fhann  naire  is  masladh 
seach  'ainm  urramach-san  aicheadh  no  an 
coguis  a  mhuchadh. 

Bha  la  ann  nach  deanadh  Peadar  sin  ;  la 
anns  an  do  thionndaidh  e  a  chtd  air  losa  ; 
1^  anns  nach  robh  e  deas  gu  magadh  fhulang 
air  a  shon,  gun  tighinn  air  priosan  is 
geimhlean.  An  oidhche  a  bhrathadh  losa 
churr  facal  o  chaileig  shearbhanta  air  mhiap- 
adh  e,  ach  cha  robh  miapadh  no  eagal  air 
air  beulaibh  na  Comhairle  a  nis.  Ciod  a  rinn 
an  t-atharrachadh  sin  air  Peadar  ?  Rinn 
Criosd,  a  dh'  fhoillsich  e  fein  dha  an  deidh 
'aiseirigh,  agus  an  Spiorad  Naomh  a  dhoirt 
Dia  air  fein  agus  air  creidmhich  eile  air  la 
na  Caingis. 

Dh'  fhaodadh  Peadar  a  radh  mu  Chriosd 
mar  thuirt  Daibhidh,  '"  Rinn  do  chaomhal- 
achd  mor  mi."  Oir  chan  e  mhain  gu'n  d' 
thug  Criosd  maitheanas  dha  air  son  a  neo- 
dhilseachd  an  oidhche  ud,  ach  dh'  earb  e 
ris  a  threud  air  thalamh,  "  Beathaich  mo 
chaoraich."  Bhris  sin  uile  cridhe  Pheadair, 
le  briseadh  a  b'  fhearr  na  bhi  slan,  air  chor 
agus  gu  robh  e  a'  faireachduinn,  uile  laithean 
a  bheatha  tuilleadh,  gu  robh  e  air  a  cheann- 
ach,  corp  is  anam,  do  Chriosd  is  d'a  sheirbhis. 
A  thuilleadh  air  sin  fhuair  e  baisteadh  an 
Spioraid  Naoimh,  agus  fo  bhuaidh  an  Spior- 
aid  neartaich  e  agus  dh'  abaich  e  gus  an  d' 
fhuair  a  buaidh,  an  da  chuid,  air  fhailingean 
fein  agus  air  an  t-saoghal. 

Duine  sona 

Duine  a  dh'  eisdeas  ri  guth  a  choguis 
(fianuis  Dhe  an  taobh  a  stigh)  a  roghainn  air 


SAORSA  A'  CHREIDMHICH— AIG  A  CHEANN  CHEARR 


gach  guth  eile  a  bhios  a'  labhairt  ris, — sin 
duine  ceart  agus  duine  sona.  Eadhon  an 
uair  a  chuireas  an  saoghal  ann  an  cuil 
chumhainn  e,  tha  e  a'  gluasad  ann  an 
saorsa  ghlormhor  eloinne  Dhe.  Chan  'eil 
ann  ach  an  fhior  dhaorsa  a  bhi  daonnan  a' 
smuaineachadh  ciod  a  their  an  saoghal  ruinn 
ma  ni  sinn  sud  no  so ;  ciod  a  their  an  duine 
ud  no  an  duine  eile  !  "  Is  ro  bheag  agamsa," 
arsa  Pol,  "  gu'n  tugtadh  breith  orm  leibhse, 
no  le  breith  duine  :  is  e  an  Tighearna  a 
bheir  breith  orm." 


Sin  saorsa  a'  chreidmhich,  a  bhi  sealltuinn 
ri  Dia  agus  ri  aitheantan  Dhe  gach  uair  is 
mionaid  d'a  bheatha  air  chor  agus  gu  bheil 
breith  an  t-saoghail  dha  mar  neo-ni.  "  Chan 
urrainn  dhuinne  gun  na  nithean  a  chunnaic 
agus  a  chuala  sinn  a  labhairt." 

An  uair  a  tha  an  cridhe  an-  a  lionadh  le 
eagal  Dhe  tilgidh  sin  a  mach  gach  eagal 
eile.  An  uair  a  tha  gaol  losa  anns  a'  chridhe 
bheir  an  teanga  fianuis  dha,  a  dh'  aindeoin 
CO  theireadh  e. 


Aig  a  cheann  che^rr 


BHO  chionn  bhliadhnachan  bha  mi  ag 
eisdeachd  ri  soisgeulaiche  a'  labhairt  ri 
cloinn  ;  clann  a  bha  air  an  togail  ann  an 
dachaidhean  diadhaidh — a'  mhor-chuideachd 
dhiubh  CO  dhiii — agus  a  bha  air  an  teagasg 
gu  curamach  anns  an  sgoil-Shabaid.  Bha  iad 
eadar  se  bliadhna  agus  coig  bliadhna  deug 
a  dh'  aois  ;  fhuair  an  soisgeulaiche  ud 
cothrom  air  labhairt  riu  a  chionn  gu  robh 
coinneamhan  soisgeulach  a'  dol  air  an 
aghaidh  anns  an  sgireachd  aig  an  am. 

Theagamh  nach  'eil  e  ceart  a  bhi  cur  "  bais 
agus  beatha  "  au'  beulaibh  ph^isdean  aig  se 
bliadhna  a  dh'aois,  no  eadhon  aig  deich,  anns 
an  t-seagh  anns  am  bi  soisgeulaichean  a' 
cleachdadh  nam  briathran  sin,  ach  an  uair 
a  ruigeas  clann  dha  dheug  no  tri  deug  tha 
iad  sean  gu  leor  agus  ttirail  gu  leor  gus  rogh- 
ainn  a  dheanamh  de  Chriosd  le  gniomh  an 
toile  fein.  Agus  tha  e  ceart  gu'm  biodh  cud- 
throm  an  taghaidh  sin  air  a  chur  air  an 
guaillean,  agus  gu'm  biodh  e  air  iarraidh 
orra  gabhail  ri  tairgse  an  t-soisgeil. 

Ach  an  uair  a  thoisich  an  soisgelaiche  ud 
air  labhairt  ris  a'  chloinn  cha  b'  ann  le  maise 
Chriosd  a  dh'  fheuch  e  ri  an  toil  a  lubadh  ach 
le  eagal  ifrinn.  An  drasd  's  a  ris  theireadh 
e  riu,  C"  aite  am  bitheadh  sibh  na'n  tigeadh 
am  bas  chugaibh  a  nochd  1  bhitheadh  anns  an 
loch  theine. 

Chuir  searmonachadh  an  duine  goirisinn 
air  m'  fheoil,  agus  theab  mi  eirigh  agus  a 
radh  ris  a'  chloinn  gun  geill  sam  bith  a  thoirt 
dha.  Ach  cha  robh  ughdarras  agam  sin  a 
dheanamh,  agus  dh'  fhaii  mi  'n  am  thosd, 
ach  fad  na  h-uine  bha  an  da  rud  so  'n  am 
chridhe,  (1)  Nach  dubhairt  Dia  an  rud  a 
thubhairt  esan,  agus  (2)  Nach  b'  ann  mar 
sud  a  labhradh  Criosd  ris  na  paisdean. 

Le  sealltuinn  air  an  duine  cha  robh  comh- 
arradh  foUaiseach  ri  fhaicinn  air  gu'n  do 
smachdaich  e  riamh  fheoil  fein,  no  gu'n  d' 
oileanaich    e    riamh    inntinn,    no    gu    robh 


tomhas  air  bith  aice  de'n  ghUocas  a  tha  o 
shuas.  Ach  air  a  shon  sin  bha  e  a'  bruidhinn 
mar  gu'm  b'  aithne  dha  inntinn  Dhe  agus 
riiintean  Dhe  cho  cinnteach  's  is  aithne 
dhomhsa  na  litrichean  a  tha  mi  a'  sgriobh- 
adh  leis  a'  pheann.  Bha  e  cinnteach  gu  robh 
e  fein  a'  dol  do  neamh  agus  gu  robh  a' 
chlann  ud  a'  dol  do  theine  siorruidh.  Ach 
an  uair  a  sheallainn  aii"  aodainn  neochion- 
tach  na  eloinne  agus  a  sheallainn  a  ris  air  a' 
bhrii  mhoir  a  bha  air  an  f  hear  a  bha  maoidh- 
eadh  ifrinn  orra  bha  teagamh  a'  tighinn  'n 
am  inntinn  nach  robh  fhios  aig  an  duine 
ciod  a  bha  e  ag  radh. 

Do'n  mhor-chuid  de  na  daoine  a  bhios  a' 
cur  eagal  ifrinn  air  daoine  eile  'n  an  teagasg 
chan  'eil  anns  an  fhacal  ifreann  ach  facal 
fhein  ;  tha  iad  ag  aithris  rud-eigin  a  chual 
iad  le  eisdeachd  'n  a  cluaise  ach  air  nach 
do  bheachd-smuainich  iad  riamh  gu  ceart. 
Bha  a'  bhrd  a  bha  air  an  duine  ud  'n  a 
chomharradh  gu  robh  a  bhiadh  a'  dol  gu 
maith  dha  ;  gu'm  biodh  e  a'  gabhail  cuid 
mhaith  dheth,  agus  a'  faotainn  cadal  fada 
'n  a  dheidh,  a  dh'  aindeoin  nan  uamhasan 
a  bha  e  a'  searmonachadh  agus  an  Dia 
leibideach  anns  an  robh  e  a'  creidsinn. 

Uair-eigin  de'n  t-saoghal  bhiodh  e  a'  cur 
barrachd  dragha  ofmsa  na  chuireas  e  an 
diugh  a  bhi  cluinntinn  teagaisg  ris  an  abrainn 
teagasg  cearr  'g  a  thoirt  do  chloinn  no  do 
dhaoine  mora.  Is  e  an  t-aobhar  nach  cuir  e 
uiread  dragha  orm  a  nis  gu  bheil  fiosrachadh 
mo  bheatha  ag  innseadh  dhomh  gu  bheil 
cumhachd  dhiomhair  air  chor-eigin  ann  an 
inntinnean  dhaoine  a  tha  'g  au  dion  o  thea- 
gasg  a  dh'  fhaodadh  cron  a  dheanamh  dhaibh. 
Tuitidh  e  bharr  an  inntinnean  mar  a  thuiteas 
an  t-uisge  bharr  nan  tunnagan. 

Duine  air  bith  a  thoisicheas  air  tairgse  an 
t-soisgeil  a  chur  air  beulaibh  dhaoine  le  eagal 
ifrinn  a  chur  orra,  no  a  tha  an  duil  gu'n  aom 
e  cridheachan  is  toil  a  cho-chreutatrean  gu 
Dia  le  bhi  a'  glaodhach  'n  an  cluasan  mar 


AIG  A  CHEANN  CHEARR— AJNNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


gu'm  biodh  piorraid,  Caite  ami  bitheadh  sibh 
na'n  tigeadh  am  bas  chugaibh  a  nochd  ?,  sin 
agad  duine  a  tha  toiseachadh  aig  a'  chearm 
chearr. 

An  diadhaidheachd  a  tha  toiseachadh  anns 
an  eagal,  theid  i  air  a  h-aghaidh  anns  an 
eagal,  agus  criochnaichidh  i  anns  an  eagal, 
agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh  is  e  so  a 
toradh.  "A  ThighecCrna  bha fhios  agam  gur 
duine  cruaidh  thu,  agus  air  dhomh  a  bhi  fo 
eagal  chaidh  mi  agus  dh'  fholaich  mi  do 
ihalann  anns  an  talamh."  Ghin  an  t- eagal 
an  leisg,  agus  ghin  an  leisg  am  bas. 


Tha  oeann  ceart  air  gach  ciiis  oho  maith 
ri  ceann  ce^rr,  agus  theirinn  gur  e  an  ceann 
ceart  de'n  t-soisgeul  toiseachadh  aig  maise 
q,gus  uaisle  Dhe  ris  a  bheil  ar  gnothuch,  agus 
maise  agus  uaisle  na  beatha  dhiadhaidh  a  dh' 
fhoillsich  e  dhuinn  ann  an  Criosd  a  dh'  ionn- 
suidh  a  bheil  e  'g  ar  gairm.  An  uair  a  tha 
soisgeulaiche  a'  cur  impidh  air  daoine  sud 
no  so  a  dheanamh  air  eagal  gu'n  cuir  Dia 
ann  an  teine  iad  tha  e  a'  deanamh  da  rud 
nach  'eil  maith  ;  tha  e  a'  thoirt  cliii  leibideach 
air  Dia  agus  a'  gabhail  beachd  leibideach  air 
nadur  mhic  an  duine. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AN  diugh  tha  a'  Choille  Bheithe  mar  gu'm 
biodh  Parras  Dhe  ;  chaidh  mi  suas  innte  a 
chur  seachad  greis  de'n  fheasgar,  a'  smuain- 
eachadh  air  nithean  a  tha  'n  am  bheachd 
a  radh  anns  an  eaglais  air  an  ath  Shabaid 
mu  mhorachd  Dhe.  Na'n  robh  barrachd 
eolais  agam  's  a  tha  agam  labhrainn  ri  m' 
choimhthional  mu  mhorachd  Dhe  agus  mu 
ionghnaidhean  a'  chruthachaidh  na's  trice 
na  bhios  mi  a'  deanamh,  oir  chan  'eil  rud 
eUe  air  an  t-saoghal  as  luaithe  a  chuireas 
daoine  air  an  gluinean  an  lathair  an  Cruitheir 
na  faireachduin  a  bhi  aca  air  a  mhorachd 
agus  a  ghliocas.  Agus  an  uair  a  theid  duine 
air  a  ghltiinean,  ciod  air  bith  a  chuireas  ann 
e,  tha  e  anns  an  t-suidheachadh  anns  an  coir 
do  mhac  an  duine  a  bhith  an  lathair  Dhe. 

Ciod  air  bith  an  aird  de  na  speuran  anns 
an  seall  sinn  tha  na  neamhan  a'  cur  an  ceill 
gloir  an  Tighearna.  Tha  na  neamhan  gun 
cheann,  gun  chrich.  Ged  a  shiubhladh  tu  air 
sgiathaibh  na  maidne,  seachad  air  na  miltean 
saoghal  a  tha  gluasad  troimh  'n  fharsuin- 
geachd  neo-chriochnach,  agus  ged  leanadh  tu 
ort  na  muilleanan  bliadhna,  cha  bhiodh  tu  na 
bu  dltiithe  do  chrioch  do  thuruis. 

Cd  chuartaicheas  do  b^ith  a  Dhe ! 
An  Ddimhne  shluig  gach  reusan  suas  ; 
'Nan  oidhirpibh  tha  aingle  's  daoin'. 
Mar  shligean  maoraich  'glacadh  chuain. 

Tha  eanchainn  seangain,  ged  is  beag  e, 
mile  uair  na's  iongantaiche  agus  na's  inn- 
leachdaiche  air  a  dhealbh  na'n  acfhuinn  as 
finealta  a  rinn  lamhan  mhic  an  duine  riamh  ; 
tha  sililean  na  cuileig  as  lugha  na's  mior- 
bhuUiche  na  uile  oibrichean  Mharconi.  Ged 
a  chuireadh  luchd-ealain  an  t-saoghail  agus 
sgoUearan-mora  an  t-saoghaU  an  cinn  r'a 
cheile  gus  am  biodh  an  ciabhagan  geal  is  tana, 
cha  b'  urrainn  dhaibh  toirt  air  aon  bhileag 
f  heoir  f ^s,  no  air  aon  ghas  eorna,  as  eugmhais 
Dhe.    Faodaidh  sinne  cur  a  dheanamh,  agus 


an  rud  a  chuir  sinn  uisgeachadh,  ach  is  e 
Dia  a  mh^in  a  bheir  fas.  A  dh'  aindeoin  gach 
adhartais  a  thainig  air  an  tuathanachd  agus 
air  oibreachadh  a'  ghruiimd,  agus  a  dh' 
aindeoin  nan  innealan  iira  a  tha  aig  daoine 
an  diugh  gus  an  talamh  a  chiosnachadh,  tha 
sinn  an  urra  ri  Dia  air  son  ar  loin  anns  an 
linn  so  mar  a  bha  Maois  agus  Abraham 
agus  na  h-aithrichean  eile  a  bha  beo  ann  an 
6g-mhaduinn  an  t-sabghail. 

An  uair  a  bha  na  smuaintean  sin  a'  dol 
troimh  m'  inntinn  chuala  mi  ceol  a'  tighinn 
o  Cheann-na-Coille,  far  do  chuir  ce^rd  agus 
a  bhean  agus  an  teaghlach  seachd  an  oidhche 
air  an  rathad  gu  Tuath.  Chuir  ceol  nan 
ceard  mo  smuaintean  bh^rr  an  ciirsa,  agus 
chuimhnich  mi  nach  deachaidh  mi  gu  coinn- 
eamh  ann  an  Dun-eideann  a  bha  air  a  gairm 
o  chionn  ghoirid  mu  thimchioll  cor  nan 
ceard,  agus  nach  mo  a  chuir  mi  a  steach  m' 
fhacal  riamh  anns  an  t-seanchas  a  bhios  mi 
a'  cluinntinn  anns  a'  Chleir  agus  aig  Bord 
nan  sgoilean  mu  chiobaireachd  nan  ceard. 

Tha  mi  an  dochas  nach  'eil  mi  na's  neo- 
thruacanta  ris  na  ce^ird  na  tha  daoine  eile, 
agus  tha  mi  cho  eolach  air  cuid  dhiubh  's 
gu'm  bi  iad  a'  tadhall  orm,  a  dh'  fhoighneachd 
ciamar  a  tha  mi,  cho  riaghailteach  ri  ctirsa 
na  gealaich.  Ach  is  priseil  an  rud  saorsa, 
agus  an  aite  na  ceaird  a  bhi  'n  an  culaidh- 
thruais  an  diugh  is  ann  a  tha  iad  'n  an 
culaidh-fharmaid,  oir  is  iad  na  h-aon  daoine 
aig  a  bheil  iomall  beag  de  shaorsa  air  fh^gail. 
Agus  cha  bu  mhaith  leam  sin  a  bhi  air  a 
thoirt  bhuapa. 

Seann  sluagh 

Tha  na  ce&ird  cho  sean  ris  na  cnuic, 
moran  na's  sinne  na  uachdarain  an  fhearainn 
ann  an  Albainn.  Bho  chionn  mile  bliadhna 
thatar  a'  feuchainn  r'an  crodhadh  ann  an 
tighean  agus  a'  gealltainn  dhaibh  oighreachd 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


na'n  gabhadh  iad  orra  fein  cuing  na  h-oibre, 
ach  cha  toigh  leo  obair  no  cuing,  agus  cha 
reic  iad  an  saorsa  air  son  oighreachd. 

Bha  righ  mor  anns  an  aird  an  Ear  uair- 
eigin  a  bha  gaolach  air  ceol ;  ohual  e  gu  robh 
treubh  de  che^ird  a  bha  maith  air  ceol  agus 
chiiir  e  fios  orra.  Thug  e  dhaibh  fearann  is 
tighean  ;  croinn  a  threabhadh  am  fearann 
agus  siol  a  chuireadh  e,  agus  cha  robh  ri  bhi 
orra  de  mh^l  ach  gu'n  tugadh  iad  dha  ceol 
an  uair  a  thogradh  e. 

Ach  an  uair  a  thainig  an  geamhradh  chaidh 
na  ceaird  a  dh'  ionnsaigh  an  righ  a  dh'innse- 
adh  dha  nach  robh  dad  aca  a  dh'  itheadh  iad. 

"  Gu  de  a  rinn  sibh  ris  an  t-siol-chur  a 
thug  mi  dhuibh  ?  "  ars  an  righ. 

"  Dh'  ith  sinn  e  anns  an  earrach." 

"  Agus  gu  de  a  rinn  sibh  ris  na  croinn  a 
thig  mi  dhuibh  ?  "  ars  an  rigb. 

"  Loisg  sinn  iad  a  bhruich  ar  bidh,"  ars 
iadsan. 

An  sin  thuirt  an  righ  riutha,  "  Chuir  sibh 
seachad  an  t-earrach  agus  an  samhradh  mar 
na  dealain-de,  agus  chan  'eil  agaibh  a  nis 
ach  a  bhi  ag  itealaich  mar  na  dealain-de," 
agus  dh'  iarr  e  an  iomain  air  falbh. 

Sin  mar  a  thainig  na  ceaird  as  an  kird  an 
Ear  do'n  aird  an  lar.  Chan  'eil  croinn  no 
siol  aca  an  diugh  fhathast,  ach  mur  bheil  tha 
saorsa  agus  ceol  aca.  Ghleidh  iad  an  da  rud 
sin,  agus  chan  aithne  dhiomhsa  d^  rud  eile 
as  priseile  do  spiorad  mhic  an  duine. 

Comhfhurtachd  na  fedla 

Tha  mi  an  diiil  gu  bheil  daoine  a'  cur 
tuilleadli  's  a  choir  de  mheas  air  comh- 
fhurtachd a'  chuirp  anns  an  1^  diugh  ;  tha 
meas  aca  air  comhfhurtachd  nach  'eil  aca  air 
rudan  eile  as  fhearr,  oir  tha  iad  an  diiil  gu'n 
dean  comhfhurtachd  cuirp  daoine  sona.  Ach 
chan  'eil  rud  eile  a  tha  daoine  a'  miannach- 
adh  as  lugha  a  bheir  dhaibh  de  shonas  na 
comhfhurtachd  cuirp.  Ann  an  tighean-m6ra 
na  duthcha  tha  solasan  an  diugh  air  an  tairg- 
sinn  do'n  fheoil  a  chuireadh  ionghnadh  air 
ar  n-aithrichean ;  tha  births  is  gloine  is 
grinneas  annta  a  riaraicheadh  Abdullah  Mac 
na  Peucaig  fhein.  Tha  miltean  de  dhaoine 
ann  nach  ruig  a  leas  an  cas  a  chur  ann  am 
broig  fhuar,  no  an  lamh  a  chur  ann  an  uisge 
fuar,  mur  toilich  iad,  bho  cheann  gu  ceann 
de  'n  bhliadhna  ;  cha  ruig  iad  leas  an  aodach 
a  chur  orra  fhein  no  ceum  coiseachd  a  dhean- 
amh  mur  togair  iad,  oir  tha  gille  agus  searbh- 
anta  aig  an  cois  daonnan,  a'  feitheamh  ach 
ciod  a  tha  dhith  orra.  Tha  barrachd  de'n 
t-seorsa  comhfhurtachd  sin  anns  an  t-saoghal 
na  bha  ann  riamh  roimhe,  ach  ma  tha,  chan 
'eil  mi  an  dull  gu'n  do  mheudaich  e  sonas. 


Chan  'eil  teagamh  au'  bith  nach  'eil  na 
ceaird  a'  fulang  cruas  agus  fuachd,  agus  air 
uairean  acras,  ach  tha  fichead  rud  ann  is 
miosa  na  fuachd  no  eadhon  an  t-acras.  Is 
rioghachd  do  dhuine  a  thoil  fhein,  agus 
b'  fhearr  leam  fada  cian  a  bhi  gun  leine 
m'  am  chneas  seach  a  bhi  fo  smachd  duine 
eile,  no  air  mo  chiobaireachd  le  duine  eile, 
ged  b'e  an  duine  sin  Moderator  na  h-eaglais. 

Da  mhearachd 

Cha  bu  mhaith  leam  gu'n  togadh  tu  cearr 
mi,  a  leughadair,  no  gu'n  saoileadh  tu  gu 
bheil  mi  toilich  te  le  cor  nan  ceard,  no  gu 
bheil  mi  ag  radh  gu'm  biodh  e  maith  do 
dhaoine  eile  an  doigh  beatha  a  tha  aca  a 
leantuinn.  Chan  'eil  idir  ;  ach  aig  a'  cheart 
am,  b'  fhearr  leam  na  ceaird  fhagail  mar  a 
tha  iad  seach  an  liubhairt  seachad  do  dhaoine 
aig  a  bheil  gaol  na  ciobaireachd  'n  an  cridhe. 
Tha  da  mhearachd  anns  a  bheil  muinntir 
na  ciobaireachd  a'  tuiteam  daonnan,  a  bhi 
saoilsinn  gu  bheil  e  maith  do  dhuine  a  bhi 
air  a  chur  a  dh'  obair,  agus  gu  bheil  e  maith 
dha  comhfhurtachd  a  thoirt  d'a  fheoil.  Mu 
chomhfhurtachd  na  feola  chan  abair  mi  ach 
so,  gur  coma  do  dhuine  ciod  a  ghiollachd  a 
gheibh  fheoil  ma  tha  lasag  bheag  de  aoibh- 
neas  'n  a  chridhe. 

Ach  a  thaobh  oibre,  chan  'eil  mise  a' 
creidsinn  an  dara  leth  de  na  chluinneas  no 
leughas  mi  a'  moladh  do  dhaoine  cuing  na 
h-oibre  a  ghiulan  mar  dhleasdanas.  Chan 
aithne  dhomh  ach  da  aobhar  gu'n  deanadh 
duine  obair  idir  (1)  a  chumail  loin  ris  fhein 
no  ri  daoine  eile  a  tha  an  earbsa  ris,  (2)  a 
chionn  gu  bheil  e  a'  faotainn  toilinntinn 
innte. 

Bho  chionn  ghoirid  bha  ce^rd  ag  obair 
agam  air  son  paigheadh  latha,  ach  an  uair  a 
choisinn  e  na  bha  dhith  air  agus  a  chunnaic  e 
iomchuidh  e,  chuir  e  a'  phiob  fo  achlais  agus 
a  mhaileid  air  a  dhruim  agus  dh'  fhalbh  e. 
Ach  car  son  a  gheibhinn  coire  dha  ?  Ma  bha 
e  freagairt  air  fhein  greis  a  thoirt  air  obair 
gus  solaradh  air  son  a  loin  agus  stad  de  'n 
obair  a  cheart  cho  luath  's  a  choisinn  e  na 
dheanadh  feum  dha,  ciod  e  gnothuch  duine 
eile  ris  ? 

Ach  ged  a  thug  mise  saorsa  a  thoile  do  'n 
duine  feumaidh  e  an  aire  mhaith  a  thoirt 
dha  fein,  oir  tha  na  ciobairean  air  a  shall, 
agus  cha  stad  iad  gu  brath  gus  an  toir  iad 
air  oibreachadh  o  mhoch  gu  dubh,  agus  a 
chlann  a  chur  a  dh'  ionnsachadh  mu  righrean 
Shasuinn  agus  mu  righrean  ludah  an  aite 
a  bhi  dannsadh,  agus  e  fhein  fhailceadh  uair 
's  an  latha. 

Ma  their  e  riutha  gu  bheil  e  sona  gu  leoir 
mar  a  tha  e,  agus  gu  'm  b'  fhearr  leis  a  bhi 


6 


FIONNLADH  CAIMBEUL  NACH  MAIREANN 


ann  am  purgatoir  seach  leth  cheud  uair 
anns  an  t-seachduin  oibreachadh,  no  e  fein 
fhailceadh  ann  an  uisge  fuar  a'  h-nile 
maduinn,  their  iad  ris  nach  aithne  dha  ciod 
a  tha  maith  dha,  agus  nach  bi  e  ceart  gu 
brath  gus  an  coisich  e  air  an  aon  rathad  riu 
fein  gu  sonas  is  toilinntinn. 

Buachaille  nan  Eileanan 

So  a'  cheart  rud  a  thainig  eadar  muinntir 
Leodhais  agus  an  duine  mor  a  thug  dha 
fhein  an  t-ainm  rioghail,  Buachaille  nan 
Eileanan.  Thainig  am  Morair  Leverhulme 
a  cearnaibh  far  a  bheil  urram  aig  daoine 
do'n  uaireadair  do  eilean  far  nach  feum  idir 
air  uaireadair,  a  chionn  gur  maith  an  t-uair- 
eadair  an  t-suil,  a'  bhru,  's  an  coileach. 
Thuirt  e  riutha,  "  Tha  sibh  a'  tighinn  beo 
ann  an  tighean  dubha  agus  chan  'eil  sibh  ag 
oibreachadh  ach  greis  an  drasd  's  a  rithist  ; 
chan  urrainn  dhuibh  a  bbi  sona  gu  brath 
air  an  doigh  sin,  oir  chan  fhearr  sibh  na 
na  dealain-de.  Ach  eisdibh  riumsa  agus 
ni  mi  sona  sibh  ;  ni  mi  seilleanan  dhibh  ; 
leagaidh  mi  na  tighean  dubha,  agus  bidh 
dachaidh  ghlan  is  ghrinn  agaibh  uile  ann 


an  aon  sgeap  mhor  is  bhriagha  ;  ach  seUlean 
air  bith  nach  bi  umhail  do  sp^g  an  uaireadair 
agus  nach  h-oibrich  gu  m'  riar-sa  cuirear  a 
mach  as  an  sgeap  e." 

Ach  b'  fhearr  le  muinntir  Leodhais  a  bhi 
sona  'n  an  doigh  fhein  agus  saorsa  a  bhi  aca 
anns  an  tigh  dhubh,  seach  a  bhi  riomhach 
anns  an  tigh  gheal  agus  fo  smaig  aig  sp4g 
an  uaireadair. 

Bho  thoiseach  an  t-saoghail  bha  comhstri 
eadar  sliochd  labail,  athair  na  muinntir  a 
ghabhas  comhnuidh  am  btithan  agus  aig  a 
bheil  spreidh,  agus  sliochd  Thubal-cain, 
fear-deanamh  uile  innil-gearraidh  umha  agus 
iaruinn. 

B'  olc  an  airidh  na  ceaird  a  chrodhadh  ; 
anns  an  laithean  so  anns  nach  'eil  seanchas 
eile  aig  duine  a  thachras  ort  ach  gainne  nan 
tighean,  agus  truimead  a'  mhail,  agus  lion- 
mhorachd  nan  ciobairean  is  maith  gu  bheil 
cuid-eigin  ann  air  nach  'eil  tighean  no  mal 
no  cisean  no  obair  a'  cur  a'  churaim  as 
lugha.  Gu  ma  fada,  mata,  a  bhios  saorsa 
aig  an  cois,  ceol  'n  an  cridhe,  agus  dannsadh 
'n  an  easgaidean. 


Fionnladh  Caimbeul  nach  maireann 

Le  M.  8. 


THA  e  ro  dhuilich  leinn  ioraradh  gu  'n  do 
chaochail  Fionnladh  Caimbeul,  eildear  coir, 
uasal,  agus  caomh,  coimhtbional  Nis  Leodhais 
air  an  treas  latha  fichead  do  'n  Mhaigh  so 
chaidh.  Tha  sinn  a'  luaidh  a  bhais  le  ionn- 
drainn  agus  caoidh  ro  mhor  do  bhrigh  nach 
'eil  e  idir  soirbh  aite  a'  Chriosduidh  chliutich, 
threibhdhirich,  agus  iriosal  so  a  lionadh  'n  a 
sgire  is  'n  a  eilean. 

Cha  robh  aon  eile  de  luchd-dreuchd  an 
Eilein  air  am  b'  eolaiche  daoine  "  thall  's  a 
bhos  "  na  bha  iad  air  Fionnladh  Nis,  agus 
bha  iomadh  aobhar  air  a  sin.  An  toiseach, 
bha  e  'n  a  bhall  de  'n  Eaglais  fad  da  f  hichead 
bliadhna  's  a  coig  deug  agus  'n  a  eildear  fad 
d^  fhichead  bliadhna  's  a  ceithir.  A  rithist, 
bhiodh  e  a  ghnath  a'  frithealadh  nan  orduigh- 
ean  air  feadh  Leodhais  agus  na  Hearadh,  agus 
is  e  a'  cheud  duine  bhiodh  air  a  ghairm  gu 
labhairt  air  a'  cheist  Di-haoine,  agus  is  ann 
dha  fhein  a  thigeadh  sin  a  dheanamh. 

Bha  talantan  sonruichte  agus  subhailcean 
eireachdail  air  am  buileachadh  air  an  duine 
so.  Chan  aithne  dhuinn  aon  duine  eile 
thigeadh  suas  ris  'n  a  chuimhne  ;  bha  e 
comasach  dha  searmoin  a  chuala  e  o  chionn 
leth -cheud  bliadhna  air  ais  a  thoirt  dhuinn 
facal  air  an  fhacal  mar  a  bha  e  air  aithris. 


Ghleidh  e  a  chuimhne  so  gus  a'  chrioch. 
Bha  an  talanta  mhor  so  iongantach  feumail 
dha  fhein  agus  do  mhuinhtir  eile,  oir  is 
iomadh  neach  a  fhuair  iirachadh  inntinn  is 
spioraid  o  bhi  'g  a  chluinntinn  a  liubhairt 
comhraidh  no  searmoin  nan  athraichean  leis 
a'  phungalachd  's  a'  choimhliontachd  leis  an 
tigeadh  iad  o  am  bilean  fhein. 

Bha  e  comasach  dha  mar  an  ceudna  inn- 
tinn agus  fhiosrachadh  ainmig  araidh  fhein 
a  chur  ann  an  cainnt  dhealbhach,  thlachd- 
mhor  agus  bhuadhmhor  nam  bard  ;  uime 
sin  bidh  cuimhne  mhaireannach  againn  araon 
air  a  sheanachas  agus  tirnuighean. 

Ma  bha  a  thalantan  nadurra  comharr- 
aichte,  mar  an  ceudna  bha  a  Chriosdalachd. 
Bha  i  a'  giulan  gach  subhailc  as  grasaile  agus 
as  snasmhoire  as  aithne  dhuinn  oir  bha  fior 
spiorad  a  mhaighstir  r'a  fhaicinn  gu  soillear 
'n  a  fhacail  choibhneil  chathrannach,  chaomh 
agus  'n  a  eisimpleir  dhiadhaidh,  bheusach, 
mhaiseach.  Bha  ard-uaisleachd  agus  inbhe 
air  leth  coimhcheangailte  ri  bhreith  air 
ciiisean,  suidhichean,  agus  air  daoine — anns 
an  t-seadh  so  's  ann  a  shaoileadh  tu  gu  robh 
e  mion  eolach  air  ard  ghliocas  na  Greige,  ach 
's  e  b'  aobhar  air  gu  robh  e  na  b'  eolaiche 
air  Tils  a'  ghliocais  agus  gu  robh  e   'g  a 


FIONNLADH  CAIMBEUL  NACH  MAIREANN— AIG  AN  UINNEIG 


thuigsinn  ann  an  deagh  thomhas. 

Bha  mar  an  ceudna  a  shealladh  's  a  bheachd 
air  Criosdalachd  a  tliaobh  a  teagaisg  agus 
a  cleachdaidh  comharraichte  farsuing,  co- 
choirde,  agus  glic.  Cha  robh  aite  air  bith 
aige  do  na  creudan  agus  beul-aithris  mi- 
reusonta  agus  mi-chriosdail  d'a  bheil  raoran 
fhathast  a'  geilleadh ;  bha  e  cho  fuathach 
orra  ri  Mhaighstir.  Anns  an  t-seagh  sin 
bha  e  iomadh  bliadhna  air  thoiseach  ann  an 
adhartas  seallaidh  air  moran  de  luchd- 
aideachaidh  an  Eilein. 

Dh'  fhag  an  Criosduidh  mor  dileas  so 
buaidh    chtibhraidh    'n    a    dheidh    air    chor 


agus  gu  'm  bi  cuimhne  bhuan  air  aig  gach 
duine  d'  am  aithne  e — ^gu  s6nruichte  aig 
"pige  nan  gr4s,"  oir  b'  e  sud  am  fear  nach 
bruthadh  an  t-uan,  nach  claoidheadh  am 
bacach,  nach  teumadh  a  charaid ;  a  dh' 
fhiosraicheadh  duine  ann  an  aire  agus  nach 
do  leig  riamh  am  feumach  air  falbh  falamh. 
Bha  aig  an  duine  so  gu  cinnteach  an 
"  diadhachd  fhiorghlan  agus  neo-shalach  " 
a  bhuineas  do  na  fireanna,  agus  a  bhitheas 
ag  oibreachadh  le  buaidh  neo-bhasmhor 
eadhon  an  deidh  am  bais,  oir  "  cuimhne  's 
iomradh  mhaith  a  chaoidh  bidh  air  an 
fhirean  choir." 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Ard  Sheanadh 

CHA  robh  mise  aig  an  Ard  Sheanadh  am 
bliadhna,  oir  bha  mi  an  aite  a  b'  fhearr  an 
uair  a  bha  e  cruinn,  ann  an  eilean  Thiriodh 
far  a  bheil  e  furasda  do  dhuine  a  dhichuimb- 
neachadh  gu  bheil  Cleir  no  Seanadh  ann. 
Ach  ma  dhichuimhnich  mise  e  cha  do 
dhichuimhnich  bean  mo  bhrathar  e,  agus 
m'  an  do  shuidh  sinn  aig  ar  dinnear,  thionnd- 
aidh  i  cnag  anns  an  Radio,  agus  feuch  guth, 
mar  ghuth  duine  a  bha  'n  a  eiginn  agus  ag 
iarraidh  analach  le  ospagan,  ach  eadar  na 
h-ospagan  dh'  innis  e  dhuinn  mar  bha 
Talla  an  t-Seanaidh  a'  lionadh  agus  na 
maithean  a  bha  a'  tighinn  a  steach  do  'n 
t-Seanadh. 

Chuala  sinn  am  Moderator  ur  'g  a  chur 
anns  a'  Chathair,  agus  Moderator  na  bliadhna 
'n  uiridh  'g  a  bheannachadh  ;  chuala  sinn 
an  t-Ollamh  Cox  a'  toiseachadh  air  tur  a 
thogail  nach  do  chriochnaich  e,  agus  an  sin 
a  chompanach  a'  leughadh  na  litreach  anns 
an  d'  thug  an  Righ  ughdarras  do  Mhorair 
Linn  Liucha  aite-san  a  ghabhail  anns  an 
t-Seanadh,  mar  gu  'm  biodh  e  a'  leughadh 
caibideil  a  Leabhar  an  Taisbeanaidh.  Chuala 
sinn  an  guth  aig  Morair  Linn  Liucha,  ach 
cha  robh  an  corr  a  dhith  orm,  oir  bha  fhios 
agam  gu  'm  biodh  an  oraid  aige-san  anns  na 
paipearan,  agus  is  fhasa  dhomh  rud  a  thogail 
le  m'  shiiil  na  le  m'  chluais.  Mar  sin  bha  a' 
chnag  air  a  tionndadh  a  ris,  agus  feuch 
samhchair  bheannaichte. 

Obair  na  h-eaglais 

Ged  tha  na  paipearan  Ian  le  iomradh  air 
a'  chogadh  bha  cunntas  cothromach  air 
obair  na  h-eaglais  air  a  thoirt  gach  latha 
leis  an  da  phaipear,  an  Scotsman  agus  an 
Glasgow  Herald,  da  phaipear  a  tha  daonnan 
a'  cumail  suas  cliu  phaipearan  na  h-Alba 
leis   cho   fior   agus    cho   onarach   agus    cho 


uasal  's  a  tha  iad  an  coimeas  ri  feadhainn 
eile. 

Tha  fior  obair  na  h-eaglais,  ministrealachd 
an  Fhacail  agus  frithealadh  nan  Sacramaid- 
ean,  a'  dol  air  aghaidh  gun  sgur,  ach  chan 
'eil  e  furasda  a  mheas  ciod  an  tomhas  anns 
a  bheil  an  obair  sin  a'  soirbheachadh  am 
fianuis  dhaoine,  oir  ged  tha  aireamh  an 
luchd-aoraidh  a'  dol  sios  tha  an  tabhartas 
airgid  do  'n  eaglais  a'  dol  suas.  Chan  'eil 
teagamh  air  bith  nach  'eil  coimhthionailean 
a'  fas  na  's  lugha  an  diugh,  chan  ann  a 
chionn  nach  'eil  iad  air  an  ciobaireachd  ach 
a  chionn  nach  'eil  tarruing  aig  aoradh  Dhe 
orra.  Cia  meud  eaglais  anns  a  bheil  a' 
choinneamh-urnuigh  air  a  cumail  suas  ?  An 
uair  a  bha  ministear  o  chionn  ghoirid  ag 
ainmeachadh  aig  crioch  na  seirbhis  nan 
nithean  a  thachradh  air  an  ath  sheachduin, 
an  deidh  dha  a  radh  gu  'm  biodh  Guild  nam 
ban  cruinn  air  feasgar  Di-luain,  na  Scouts 
agus  na  Brownies  air  feasgar  Di-mairt,  agus 
a'  Choisir-chiuil  air  feasgar  Di-haoine,  thubh- 
airt  e  gu  'm  biodh  coinneamh-urnuigh  aige 
fhein  agus  aig  a'  bheadall  air  oidhche  Di- 
ciadaoin  mar  is  abhaist. 

Ged  tha  an  aite  fhein  aig  an  Ard-sheanadh 
agus  aig  Cleirean  ann  an  obair  na  h-eaglais 
tha  fior  obair  na  h-eaglais  a'  dol  air  aghaidh 
anns  an  da  mhile  coimhthional  a  tha  a' 
cruinneachadh  comhla  gach  seachduin,  agus 
mur  bheil  a'  bheatha  dhiadhaidh  a'  f^s 
annta-san  tre  mhinistrealachd  an  Fhacail  is 
coma  dhuinn  ciod  a  ni  no  nach  dean  an 
t-Ard  Sheanadh. 

Boirionnaich  'n  am  foirbhich 

Chaidh  so  a  chur  ceum  eile  air  aghaidh  am 
bliadhna,  agus  chan  'eil  teagamh  air  bith  a 
nis  nach  bi  an  t-atharrachadh  mor  so  air  a 
dheanamh  anns  an  eaglais,  gu  goirid,  atharr- 


AIG  AN  UINNEIG 


achadh  nach.  d'  iarr  na  boirionnaich  fh^in 
cho  fad  's  is  aithne  dhomh.  Theagamh  nach 
dean  e  uiread  miighaidh  's  a  tha  cuid  dP 
dhaoine  an  dtiil,  ach  cha  dean  e  cron  co 
dhiubh,  agus  cha  mh6r  choimhthionailean 
dtithcha  as  aithne  dhomh  anns  nach  biodh 
e  na  b'  fhasa  foirbhich  f hreagarrach  fhaotainn 
a  measg  nam  ban  na  a  measg  nam  fear. 
Ach  air  a  shon  sin  tha  e  a'  deanamh  brisidh 
ann  an  eachdraidh  agus  ann  an  cleachdadh 
Eaglais  na  h-Alba,  nach  toigh  le  ^ireamh 
mhor  d'a  buUl.  Ach  tha  mi  an  duil  gu  'n 
gabh  a'  mhor-chuideachd  ris  an  atharrach- 
adh  gu  toileach  agus  gu  dochasach,  agus  gu 
'n  abair  iad  gur  e  so  ubh  as  fhe^rr  a  rug  an 
Commission  a  tha  a'  feuchainn  ri  toil  Dhe 
a  dheanamh  soilleir  anns  na  laithean  so. 

Stoirm  bheag 

Bha  stoirm  bheag  anns  an  t-Seanadh  an 
uair  a  thug  an  t-Ollamh  Iain  Baillie  cunntas 
air  an  obair  a  rinn  an  Commission  so  o 
chionn  bliadhna,  agus  a  dh'  iarr  e  cead  air 
an  t-Seanadh  e  bhi  air  a  radh  an  ainm 
Eaglais  na  h-Alba  gu  bheil  i  am  fabhar  ni 
no  nithean  sonraichte  a  dheanamh  a  bhuineas 
do  'n  Pharlamaid  a  shocruchadh.  Bha  an 
glaodh  air  a  thogail,  "  an  rud  nach  buin 
dhuit  na  buin  ris,"  ach  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  fhuair  Cinn  a'  Chommission  ud 
an  doigh  fhein.  Cha  dean  sin  cron  air  bith, 
oir  chan  'eil  ann  am  briathran  ach  briathran 
fhein,  agus  bhithinn-sa  air  mo  mhealladh  gu 
mor  na  'n  tigeadh  dad  as  na  briathran  ud  a 
thog  an  stoirm,  no  na  'n  rachadh  an  cur  an 
gniomh.  Laighidh  iad  air  an  sgeilp  ann  an 
leabhar  diimhail  ann  am  mile  Manse  anns 
an  diithaich  agus  cha  bhi  an  corr  umpa  gu 
brath.  Tha  suas  ri  d4  fhichead  de  na  leabh- 
raichean  mora  sin  air  an  sgeilp  losal  am 
measg  mo  leabhraichean-sa,  loma  l^n  de 
bhriathran  laidir  le  ughdarras  na  h-eaglais 
agus  an  ainm  na  h-eaglais,  nach  robh  riamh  air 
an  cur  an  gniomh,  no  eadhon  an  ath  tarruing 
air  a  thoirt  orra.  Chan  'eil  ni  air  an  t-saoghal 
as  diomhaine  do  'n  t-Seanadh  no  do  Chom- 
mission   de    bhuill    an    t-Seanaidh    na    bhi 


saoilsinn  gur  h-urrainn  dhaibh  labhairt  an 
ainm  na  h-eaglais,  no  as  diomhaine  na  bhi 
a'  cur  a  mach  an  ainm  na  h-eaglais,  beachdan 
mu  nithean  nach  ann  aca  fhein  a  tha  ris  na 
nithean  sin  a  chur  an  gniomh. 

Cha  bu  mhisd  buill  a'  Chommission  so  e 
bhi  air  innseadh  dhaibh  gu  bheil  m6ran  de 
dhaoine  seimh  agus  ciallach  anns  an  eaglais 
nach  biodh  duilich  na  'n  tugadh  an  Seanadh 
taing  dhaibh  agus  na  'n  cuireadh  e  crioch 
air  an  saothair.  Ma  's  maith  mo  chuimhne 
bha  e  air  a  chur  air  chois  leis  an  t-Seanadh 
ann  an  cabhaig  aig  toiseach  a'  chogaidh,  an 
diiil  gu  'n  rachadh  aige  air  solus  a  thoirt 
dhuinn  air  inntinn  agus  rilintean  Dhe  anns 
a'  chogadh  uamhasach  so.  Ach  a  cheart 
cho  luath  's  a  thoisich  iad  air  a'  ghnothuch 
a  rannsachadh  chunnaic  buill  a'  Chommission 
nach  robh  solus  aca  ach  an  solus  fann  a  tha 
againn  uile,  agus  nach  robh  "  facal  o  Dhia  " 
a  dh'  fhaodadh  an  eaglais  a  labhairt  ris  an 
rioghachd.  Mar  sin  thoisich  iad  air  siubhal 
sios  is  suas,  a  dh'  fheuchainn  am  faigheadh 
iad  ni-eigin  a  rachadh  aca  air  a  chomhairle- 
achadh  do  'n  eaglais,  agus  is  e  as  crioch  d' 
an  siubhal,  gu  bheil  iad  a  nis  an  dtiil  gur  e 
toil  an  Tighearna  gu  'm  biodh  ciobairean- 
cleire  no  Superintendents  air  an  cur  air  chios 
an  eaglais  na  h-Alba.  Dh'  fhaodadh  an 
eaglais  iomadh  reuson  maith  a  thoirt  dhuinn 
air  son  an  atharrachaidh  sin,  ach  c6  a 
ghabhadh  air  fhein  a  radh  gur  e  toil  Dhe  e. 
No  CO  d'  an  aithne  (an  taobh  a  mach  de  'n 
Chommission  so)  co  dhiubh  is  e  no  nach  e 
toil  Dhe,  gu  'm  feum  oileanaich  oga  na 
h-eaglais  Eabhra  a  bhi  aca  ?  Cha  bu  toigh 
leamsa  an  Commission  so  riamh,  a  chionn 
gu  robh  fhios  agam  gu  robh  a'  cheud 
dhleasdanas  a  chuir  an  Seanadh  orra  os 
cionn  an  comais,  agus  a  chionn  gu  robh 
iad  cho  maol  's  nach  d'  atharraich  iad  an 
ainm  an  uair  a  thoisich  iad  air  seoladh  a 
thoirt  dhuinn  ann  an  ciiisean  eUe,  air  bhonn 
am  beachdan  fhein.  Beachdan  dhaoine,  agus 
eadhon  beachdan  dhiadhairean,  tuigidh  sinn 
sin,  agus  tomhsaidh  sinn  sin,  ach  toil  Dhe, 
och,  och ! ! 


An  Laoidheadair 


Chreag  nan  hnntean,  stigh  fo  d'sgail, 
Bitheam-s'  air  mo  chleith  gu  brath ; 
Sgoltadh  air  mo  shon  do  thaobh ; 
Uisge  's  full  shruth  mach  maraon  ; 
locshlaint  sud  ni  m'anam  slan, 
Saor  o  ohipnt  's  o  ghuin  a  bhais. 


Fhad  's  a  thairngeas  mi  an  deo, 
'S  'nuair  a  chriochnaicheas  mo  16, 
'Nuair  a  ghairmear  mi  chum  moid, 
Sealltainn  ort  'n  ad  ehathair  mhoir, 
Chreag  nan  linntean,  stigh  fp  d'sgail, 
Bitheam-s'  air  mo  Chleith  gu  brath. 


Aireamh    9 


1944 


An  gradh  nach  caomhainn 


Le  I.   F. 


SO  an  gradh  air  an  robh  Pol  a'  smuaineach- 
adh  an  uair  a  sgriobh  e  na  briathran  so 
ann  an.te  d'a  litrichean,  "An  ti  nach  do 
chaomhainn  a  Mhac  fein,  ach  a  thug  thairis 
e  air  ar  son-ne  uile,  cionnus  maille  ris-san 
nach  toir  e  dhuinn  gu  saor  na  h-uUe  nithe  ?  " 
(Rom.  viii.  32).  Mar  sin,  is  e  an  seorsa 
graidh  a  tha  ann  an  gradh  Dhe,  gradh  a 
bheir  dhuinn  na  h-uile  a  tha  aige,  agus  nach 
caomhainn  dad.  Air  cho  falamh  no  cho 
peacach  's  'ga  bheil  daoine,  chan  'eil  aca 
ach  tighinn  gu  Dia  is  bheir  e  dhaibh  an 
tiodhlac  iongantach  so  am  pailteas. 

Beatha  gu  pailt.  beatha  gu  saor,  lanachd 
beatha — sin  tiodhlac  Dhe !  Nach  e  so  an 
ulaidh  a  tha  daoine  a'  sireadh  an  diugh  gun 
sgur,  Beatha  f  Air  uairean  faodaidh  iad 
a  bhi  'g  a  iarraidh  ann  an  doigh  chearr,  ann 
an  nithean  nach  sasuich  an  t-anam,  ach 
air  a  shon  sin,  is  e  lanachd  beatha  no  sonas 
an  ni  sonruichte  a  tha  na  h-uile  dhaoine  a' 
sireadh  le  diirachd  an  cridhe. 

Tha  gu  leoir  de  dhaoine  saoibhir  a  tha 
fulang  fo  ghalair  nach  gabh  leigheas  a 
bheireadh  seachad  na  tha  ,  aca  air  an  t- 
saoghail  na'n  ceannaicheadh  sin  dhaibh 
slainte  agus  beatha.  "  Craicionn  air  son 
craicinn,  gach  ni  a  tha  aig  duine  bheir  e 
air  son  'anama." 

Ach  tha  an  tiodhlac  so  air  a  thairgsinn  le 
Dia  do  na  h-uile.  Cha  ghabh  e  ceannach ; 
ach  gheibhear  e  gun  airgiod  agus  gun  luach. 
"  Thainig  mise,"  arsa  Criosd.  "chum  gu'm 
biodh  beatha  aca  agus  gu'm  biodh  i  aca  na's 
pailte."     (Eoin  x.  10.) 

Dia  saoibhir  is  sinne  bochd 

Mur  gabh  tiodhlac  Dhe  ceannach  cha 
mho  tha  neach  air  bith  airidh  air.  Chan  'eil 
doigh  air  fhaotainn  ach  o  shaor-ghras  Dhe. 
"  Is  ann  le  gras  a  tha  sibh  air  bhur  tearnadh 
tre  chreideamh  "  (Eph.  ii.  8).  Thoir  an 
aire,  a  leughadair,  do'n  fhacal  sin,  tre  chreid- 
eamh. Chan  e  creideamh  an  t-aon  ni  ris 
an  t-saorsa  so,  no  a'  bheatha  so  ;  chan  "eil 
'n  ar  creideamh  ach  a'  j^hiob  tre  am  bheil 
a'  bheatha  a  tha  ann  an  Criosd  a'  sruthadh 
thugainn.     Chan  e   na   pioban   a   tha   toirt 


an  uisge  do'n  tigh  agad  a  chaisgeas  t'  iotadh 
ach  an  t-uisge  a  thig  tromhpa. 

Ged  shuidheadh  neach  aig  bord  air  a 
bheil  gach  seorsa  bidh  air  a  chur,  mur  glac 
iad  am  biadh  agus  mur  ith  iad  e,  cha  dean  e 
feum  air  bith  dhaibh.  Mar  sin  feumaidh 
sinn  tiodhlac  Dhe  a  ghabhail  tre  chreideamh. 
"  Ge  b'e  neach  leis  an  aill  gabhadh  e  uisge 
na  beatha  gu  saor  "  (Taisbean  xxii.   17). 

Tha  moran  dhaoine  a'  creidsinn  da  rireadh 
gu  bheil  Dia  ann.  Tha  iad  a'  creidsinn  gur 
e  Facal  Dhe  a  tha  anns  a'  Bhiobull.  Tha 
iad  ag  aideachadh  gur  e  Mac  Dhe  a  tha 
ann  an  losa  Criosd,  agus  a'  gabhail  ri  fhacal 
mar  fhirinn,  ach  air  a  shon  sin  chan  'eil 
beatha  aca.  Car  son  ?  A  chionn  nach  'eil 
iad  a'  fosgladh  an  cridheachan  agus  a'  toirt 
aite  do  Chriosd  annta.  "  Feuch,  tha  mi 
am  sheasamh  aig  an  dorus  agus  a'  bualadh  ; 
ma  dh'  eisdeas  neach  air  bith  ri  m'  ghuth 
agus  gu'm  fosgail  e  an  dorus,  thig  mi  a 
steach  d'a  ionnsaigh,  agus  gabhaidh  mi  mo 
shuipear  maille  ris,  agus  esan  maille  rium- 
sa  "  (Taisbean  iii.  20).  Nach  'eil  sin  cho  soilleir 
ris  an  t- solus  fein ! 

Cuimhnich,  a  leughadair,  gu'm  feum  dorus 
do  chridhe  a  bhi  air  fhosgladh,  ma  bu  mhaith 
leat  an  tiodhlac  beannaichte  so  fhaotainn, 
tiodhlac  na  Beatha  a  tha  gabhail  a  stigh 
gach  beannachd  eile  as  fearr  air  an  t-saoghal. 
"  Is  ann  leis  a  chridhe,"  arsa  Pol,  "  a 
chreidear  chum  fireantachd." 

A  bheil  a  bheatha  so  agad-sa,  a  leugh- 
adair ? 

Chan  'eil  mi  a'  feoraich  am  bi  thu  dol 
do'n  eaglais,  no  ag  iirnuigh,  no  a'  cuideachadh 
aobhar  an  t-soisgeil.  Tha  na  nithean  sin 
uile  maith  agus  ro-mhaith.  ach  ciod  an 
tairbhe  a  tha  annta  gun  Beatha. 

Beatha  an  t-aon  ni  feumail 

An  la  roimh  bha  mi  a'  bruidhinn  ri  duine 
cliuteach,  is  dh'  fheoraich  mi  dheth  ciamar 
a  bha  cuisean  a  thaobh  'anama.  "'  Tha 
mise,"  ars  esan,  "  ceart  gu  leor,  chan  'eil 
eagal  au'  bith  orm  " — ^agus  an  sin  chuir  e 
sios  air  ghad  dhomh  na  h-oibrichean  maithe 


AN  GRADH  NACH  CAOMHAINN 


a  bha  e  a'  deanamh  gus  neamh  agus  a' 
bheatha  mhaireannach  a  chosnadh  dha 
fein. 

"  A  dhuine  ghaolaich,"  arsa  mise,  "  c'aite 
an  d'  fhuair  thu  an  teagasg  sin  ?  " 

"  Fhuair,"  ars'  esan,  "  an  so,"  agus  e 
a'  bualadh  a  chinn  le  chorraig  ;  "  fhuair 
mi  e  e  bho  sholus  mo  reusoin." 

Dh'  fhosgail  mi  an  Tiomnadh  Nuadh, 
leabhar  nach  do  leugh  an  duine  bochd  ud 
o  chionn  bhliadhnachan,  is  as  an  leabhar 
Naomh  anns  a  bheil  inntinn  Dhe  air  a 
foillseachadh  dhuinn  rinn  mi  soilleir  dha 
slighe  an  beatha,  Chuir  na  chual  e  ionghnadh 
air,  is  bha  e  'n  a  thosd,  mar  neach  a  bha 
faicinn  rud  nach  fhaca  e  riamh  roimh.  Dh' 
fheoraich  e  dhiom  an  robh  fiosrachadh 
pearsonta  agam  fein  air  a'  bheatha  so,  agus 
air  dhomh  a  radh  ris  gu  robh,  thubhairt  e 
gu  robh  na  thubhairt  mi  a'  toirt  dha  beachd 
ur  uile  gu  leir  mu  shhghe  na  beatha. 

Criosd  a'  Bheatha 

Is  e  Criosd  araon  an  t-shghe  agus  a' 
bheatha.  Tha  sin  soilleir  anns  na  sgriob- 
turan.  "Is  i  so  an  fhianuis  gu'n  d'  thtig 
Dia  dhuinn  beatha  mhaireannach,  agus 
tha  a'  bheatha  so  'na  Mhac.  An  ti  aig  am 
bheil  am  Mac,  tha  beatha  aige  ;  an  ti  aig 
nach  'eil  Mac  Dhe,  chan  'eil  beatha  aige  " 
(1   Eoin  V.   11-12). 

Anns  an  treas  caibideil  de  shoisgeul  Eoin 
tha  an  t-abstol  Eoin  ag  innseadh  mu'n 
t-seanchas  spioradail  a  bha  eadar  Criosd 
agus  Nicodemus,  neach  a  bha  'n  a  "  Mhaigh- 
stir  an  Israel."  Anns  an  t-seanchas  sin 
gheibhear  cridhe  an  t-soisgeil,  oir  is  ann  ri 
Nicodemus  a  thubhairt  Criosd,  "  Is  ann 
mar  sin  a  ghradhaich  Dia  an  saoghal,  gu'n 
d'  thug  e  'aon-ghin  mhic  fein,  chum  as  ge 
b'e  neach  a  chreideas  ann,  nach  sgriosar  e, 
ach  gu'm  bi  a'  bheatha  mhaireannach  aige  " 
(Eoin  iii.  16).  Tha  a'  bheatha.  Sogus  am  Mac 
air  an  ainmeachadh  comhla,  agus  is  ann 
tre  chreideamh  a  gheibhear  a'  bheatha  a 
tha  anns  a'  Mhac.  Tha  lamh  aig  Dia  an 
so  uile,  oir  "  bha  Dia  ann  an  Criosd  a' 
deanamh  an  t-sabghail  reidh  ris  fein " 
(2  Cor.  ii.  19). 

So,  ma  ta,  an  tiodhlac  as  fearr  air  an  t- 
saoghal,    a'    bheatha    mhaireannach    a    tha 


ann  an  Criosd  ;  tiodhlac  a  bheir  sonas 
dhuit  chan  e  mhain  anns  an  t-siorruidheachd 
ach  a  ni  do  bheatha  sona  agus  buadhmhor 
anns  an  t-saoghal  so  mar  an  ceudna.  Agus 
tha  an  tiodhlac  so  air  a  thairgsinn  do  na 
h-uile  leis  an  aill  a  ghabhail. 

Tha  e  air  a  thairgsinn  dhuitsa,  a  leugh- 
adair,  agus  air  a  thairgsinn  a  nis.  Chan 
'eil  agad  ach  iarraidh  is  gheibh  thu  e  ; 
gheibh  thu  e  bho  Chriosd.  Tha  Iain  Bunyan 
ag  innseadh  dhuinn  gur  ann  aig  an  aite  anns 
an  do  cheusadh  Criosd  a  thuit  eallach  a 
pheacaidhean  bharr  a  dhroma.  Car  son  ? 
A  chionn  gu'n  do  ghiulain  Criosd  ar  peacaidh- 
ean  'n  a  chorp  fein  air  Calbhari.  Thubhairt 
E  gu'n  do  dhoirt  E  fhuil  air  ar  son-ne  (Lucas 
xxii.  20).  Tha  a  cheart  theagasg  air  fhaotainn 
ann  an  litrichean  nan  abstol,  "  A  ghitilain 
ar  peacaidhean  'n  a  chorp  fein  air  a'  chrann, 
.  le  a  chreuchdaibh-san  shlanaicheadh 
sibhse  "  (1  Peadar  ii.  24). 

Ma  dhiultas  sinn 

Faodaidh  daoine  diviltainn  an  tiodhlac 
so  a  ghabhail,  ach  ma  ni  iad  sin  tha  iad  a' 
cur  ciil  ri  Criosd  agus  a'  deanamh  roghainn 
de'n  bhas  spioradail,  is  chan  'eil  airthoiseach 
orra  ach  sgrios. 

Stad,  ma  ta,  air  do  cheum,  a  leughadair, 
car  mionaid,  agus  feoraich  dhiot  fein,  "  A 
bheil  a  bheatha  so  agam-sa  ?  "  "  Ciod  a 
rinn  mi  ri  Mac  Dhe  ?  "  Nach  dean  thu  an 
rud  a  rinn  gille  6g  a  thainig  uair-eigin  'g 
am  f haicinn !  Chaidh  e  air  a  ghliiinean  'n 
am  sheomar,  agus  le  comhnadh  an  Spioraid 
Naoimh  agus  an  lathair  a'  chroinn-cheusaidh, 
dh'  fhosgail  e  a  chridhe  is  ghabh  e  ri  tiodhlac 
do-labhairt  Dhe. 

Chan  urrainnear  dad  as  fearr  na  so  a 
thairgsinn  dhuit.  An  gabh  thu  an  tiodhlac  ? 
Cuimhnich  nach  gabh  e  ceannach  no  cos- 
nadh  ?  feumaidh  tu  t'  uabhar  a  chur  air 
chul  agus  gabhail  ris  mar  thiodhlac  saor  o 
laimh  t'  Athar. 

Rinn  mise  a'  cheart  ni  a  tha  mi  a'  comhair- 
leachadh  dhuit-sa  a-  dheanamh  o  chionn 
bliadhna,  an  uair  a  bha  mi  am  bhalach  6g 
amaideach.  Thug  mi  mo  chridhe  do  Chriosd  ; 
mar  pheacach  truagh  ghabh  mi  tre  chreid- 
eamh ri  a  thairgse,  is  fhuair  mi  ann  sith 
agus  sonas  agus  a'  bheatha  mhaireannach. 


Uilleam  Abrach 


Leis  an    Urramach   B.   I.  Mac   Aoidh,   LL.B., 

Eaglais   Ghaidhlig  Chaluim  Cille,  an    Grianaig. 


THA  da  ni  gu  sonruichte  a  tha  air  an  cuinih- 
neachadh  's  air  an  aithris  ami  an  Diithaich 
'Ic  Aoidh  gus  an  latha  'n  diugh,  agus  's  iad 
sin  na  h-Orain  agus  na  Dain  aig  Rob  Donn, 
agus  faclan  is  freagairtean  Uilleam  Abraich. 
Agus  chan  ann  gun  aobhar.  Tha  iad  le 
cheile  a'  cur  luach  air  na  nithean  is  ro- 
fhearr. 

Bha  an  dithis  aca  air  leth  fortanach  anns 
an  linn  's  an  d'  rugadh  iad.  Rugadh  Rob 
Donn  anns  a'  bhliadhna  1714,  agus  Uilleam 
Abrach  anns  a'  bhliadhna  1747,  agus  chun- 
naic  iad  le  cheile  an  roinn  a  bu  mhotha  de'n 
ochdamh  linn  deug.  B'  i  sin  linn  a  bha 
ainmeil  air'  son  diadhaidheachd  ann  an 
eachdraidh  na  diithcha. 

Bha  an  da  Mhorair  Mac  Aoidh  anns  na 
laithean  ud  'n  an  uachdarain  a  shaothraich 
gu  dichiollach  ri  staid  spioradail  is  aimsireil 
an  t-sluaigh  a  leasachadh.  Anns  an  leabhar, 
The  Highlands  of  Scotland  in  1750,  tha  e  air 
a  chur  sios,  "  'S  e  tuath  'Ic  Aoidh  tuath  is 
diadhaidhe  bho  cheann  gu  ceann  de  'n 
Ghaidhealtachd."  Agus  bha  an  diadhaidh- 
eachd sin  ri  fhaicinn  gu  soilleir  ann  an 
caitheamh-beatha  Uilleam  Abraich  agus  Rob 
Dhuinn. 

Diadhaidh  agus  geur 

Chan  urrainn  neach  bardachd  Rob  Duinn 
a  leughadh  gun  bhi  toirt  fainear  an  cudthrom 
a  tha  e  a'  cur  air  fior  dhiadhaidheachd.  Ach 
a  thuille  air  sin,  bha  e  'n  a  sheanair  anns  an 
Eaglais,  dreuchd  nach  robh  air  a  h-earbsa 
anns  na  laithean  ud  ach  ri  neach  a  bha 
Ian  aifidh  oirre. 

Thainig  mi-fhortan,  air  Uilleam  Abrach, 
agus  chaill  e  a  reuson.  Ach  cha  do  chaill 
e  gu  latha  a  bhais  fior  eagal  an  Tighearna. 

A  rithist — ^agus  's  ann  air  a  so  a  bu  mhath 
leam  leudachadh  an  drasd — bha  iad  le  cheile 
anabarrach  cuimseach  agus  geur  ann  an 
cainnt.  Faodaidh  e  bhi  nach  'eil  Rob  Donn 
ri  bhi  air  a  choimeas  ri  Alasdair  Mac 
Mhaighstir  Alasdair  no  ri  Donnachadh  Ban, 
ach  cha  robh,  tha  mi  'n  dull,  riamh  air 
Gaidhealtachd  a  chuir  an  ceill  a  smuaintean 
ann  am  briathran  cho  ealanta,  snasail  ri 
Rob  Donn. 

Foghnaidh  e  dhuinn  amharc  air  aon  rann 
as  a'  mharbhrann  a  rinn  e  do  Chloinn  Fhir 
Tigh  Ruspuinn  : 


"  Daoine  nach  d'  rinn  briseadh  iad, 

'S  e  fiosrachail  do  chach  ; 
'S  cha  mhti  a  rinn  iad  aon  dad 

Ris  an  can  an  saoghal  gras  ; 

Ach  ghineadh  iad  is  rugadh  iad 

Is  thogadh  iad  is  dh'  fhas  ; 
Chaidh  strac  de'n  t-saoghal  thairis  orr', 

'S  mu  dheireadh  fhuair  iad  bas." 

Tha  an  dearbh  ni  fior  mu  thimchioll 
freagairtean  Uilleam  Abraich.  Tha  iad  cho 
deas,  sgaiteach,  's  nach  do  dhichuimhnich- 
eadh  iad  riamh  ann  an  Diithaich  'Ic  Aoidh. 

Bha  Uilleam  Abrach  'n  a  phacaire  ann  an 
toiseach  a  laithean,  agus  shoirbhich  leis 
cho  math  's  gu'n  robh  e  mu  dheireadh  a' 
ceannach  an  Dijn-Eideann  agus  an  Glaschu, 
agus  gillean-gnothuich  aige  a'  reic  dha  anns 
na  h-Arcaibh,  an  Gallaibh,  an  Cataibh,  agus 
an  Duthaich   'Ic  Aoidh. 

Fa  dheoidh  chuir  e  suas  tigh-ceannaich 
ann  an  Crasg,  ann  an  sgkeachd  Far.  Thuit 
a  ghaol  air  nighinn  araidh  d'  am  b'  ainm 
Anna,  ach  phos  ise  fear  eile  agus,  mo  thub- 
aist,  thainig  sgleo  air  inntinn  Uilleam 
Abraich. 

Bho  aite  gu  aite 

Dh'  fhag  e  a  cheannaidheachd  agus  chuir 
e  seachad  a  laithean  a'  siubhal  bho  aite 
gu  aite,  a'  dol  mu'n  cuairt  ann  an  giobagan 
truagha,  agus  pocannan  an  crochadh  ris, 
air  a  chiilaibh,  's  air  a  bheulaibh,  's  air  gach 
taobh  dheth. 

Bliadhna  no  dha  an  deidh  do'n  tubaist  ud 
tighinn  air,  choinnich  e  ri  Anna  a'  giillan 
cleibh-mona,  is  i  casriiisgte.  Thairg  e  dhi 
suim  airgid  gu  brogan  a  cheannach,  ag  radh 
rithe  aig  an  am  cheudna, 

"  Tha  thu  cho  mi-shona  rium  fhein. 
Na'n  robh  thusa  agam,  bhiodh  seagh  ann 
am  cheann-sa  's  bhiodh  brogan  air  do  chasan- 

sa  !  " 

Uair  eile  thachair  e  oirre,  ach  chan  abradh 
i  aon  fhacal  ris. 

"  Mo  thruaigh,"  ars  Uilleam,  "  nach  robh 
thu  riamh  cho  balbh !  ' ' 

Aon  bhliadhna  thug  e  sgriob  do  Dhim- 
Eideann,  a'  gabhail  an  aiseig  bho  Scrabstar 
gu  Lite.  Air  dha  dhol  suas  sraidean  a' 
bhaile  mhoir  le  chuid  phocannan,  chruin- 
nich    garlaich    a'    bhaile    mu'n    cuairt    air, 


4 


UILLEAM  ABRACH 


agus  thoisich  iad  ri  fanaid  air.  Thachair 
gu'n  robh  moran  de  luchd-duthcha  Uilleam 
an  Dun-Eideann  aig  an  am  so,  a  chionn  's 
gu'n  robh  an  Reiseamaid  ainmeil,  an  dSrd, 
suidhichte  anns  a'  Cliaisteal.  'N  am  measg 
bha  oifeagach  araidh  ris  an  canar  Niall 
Chaonasaid.  Air  dha-san  a  bhi  tighinn  a 
nuas  an  t-sraid,  rahothaich  e  do'n  chloinn 
agus  chual  e  an  iipraid.  An  uair  a  thainig 
e  am  fagus,  dh'  aithnich  Niall  Uilleam 
Abrach. 

"  O,  Dhia,"  ars  esan,  "  'n  e  so  thu, 
Uilleam  ?  " 

"  'S  e,"  fhreagair  Uilleam,  "  's  b'  fhearr 
nach  b'e !  " 

An  sin  air  do  Niall  a'  chlann  fhuadach 
air  falbh,  dh'  fheoraich  Uilleam  dheth  am 
b'  aithne  dha  ceannaiche  araidh  anns  a' 
bhaile.  An  deidh  beagan  rannsachaidh, 
lorgaich  iad  an  ceannaiche.  Ghabh  Uilleam 
a  steach  'g  a  fhaicinn,  ach  thug  na  pocannan 
sad  air  ursainn  an  doruis. 

"  Thig  sinn  a  mach  gus  an  teid  sinn  a 
stigh  gu  ceart,"  thuirt  Uilleam. 

"  Mach  thu !  "  ars  an  ceannaiche — agus 
cha  b'  ioghnadh  dha  fearg  a  bhi  air  ri 
Uilleam  's  a  phocannan. 

Ach  thainig  Niall  a  steach,  agus  ghuidh 
e  air  a'  cheannaiche  aire  is  eisdeachd  a 
thoirt  do  Uilleam. 

"  Tionndaidh,"  ars  Uilleam  ris,  "  gus  a 
leithid  so  de  bhliadhna  agus  a  leithid  so  de 
latha  ann  ad  leabhar-cunntais,  agus  an  sin 
gheibh  thu  a  leithid  so  de  ainm." 

Agus  mar  thubhairt  b'fhior.  An  aghaidh 
ainm  Uilleam  Abraich  bha  sgriobhte, 
"  Fiachan  nach  paighear  am  feasd."  Ach 
bha  am  fear  a  sgriobh  sin  air  a  mhealladh, 
oir  thainig  Uilleam  Abrach,  as  a  rian  's 
mar  bha  e,  a  h-uile  ceum  a  Diithaich  'Ic 
Aoidh  gus  an  cunntas  so  a  phaigheadh. 
B'  fhearr  gu'n  robh  barrachd  de'n  ionracas 
's  de'n  onair  so  r'am  faotainn  's  an  t-saoghal 
an  diugh ! 

Tha  e  coltach  gu'n  do  choisich  e  neart 
de'ii  rathad  air  ais  gu  Cataibh,  gus  mu 
dheireadh  an  robh  na  brogan  aige  an  dith 
caraidh.  Thainig  fear  de  Dhiithaich  'Ic 
Aoidh  air,  is  e  feuchainn  ris  a'  chiiis  so  a 
leasachadh. 

"  Am  bheil  thu  greusaidheachd,  Uilleam  ?" 
dh'  fheoraich  a  charaid.  Agus  b'e  am 
freagairt  a  fhuair  e  bho  Uilleam, 

"  Dheanamaid  beagan  na'm  biodh  riim 
againn  " — a'  nochdadh  gu  soilleir  nach  robh 
Uilleam  a'   sireadh  tuilleadh   cheistean ! 


Coimhead  na  Sabaid 

Tha  e  air  a  radii  nach  'eil  gaol  aig  na 
coin  air  baigearan.  Biodh  sin  mar  dh' 
f  haodas  e,  bhiodh  Uilleam  's  na  coin  a'  cordadh 
daonnan.  Aon  uair  ann  an  tigh  duine 
aoidheil,  coir,  d'  am  b'ainm  Seorsaidh  Mac 
Aoidh,  air  do  Uilleam  ceapaire  maith 
fhaotainn  bho  fhear-an-tighe,  thug  e  cuid 
dheth  do  'n  chii  a  bha  'n  a  shuidhe  a'  feith- 
eamh    ri    mir    fhaotainn. 

"Ud!  Ud !  Uilleam,"  ars  Seorsaidh  ris, 
"  car  son  a  tha  thu  a'  tabhairt  sin  do  'n 
chu  ?  " 

Gun  dail  fhreagair  Uilleam,  "  Cha  chuala 
sinn  riamh  a  dhroch  fhaeal  air  ar  cul." 

Ri  cii  a  bha  comhartaich  gu  fiadhaich 
ris,  's  e  na  thuirt  Uilleam,  "  A  bheist  bhochd, 
chan  f  hiach  dhuit  an  t-saothair,  air  son  an 
fheadh  a   bhitheas  tu." 

"  Cuimhnich  latha  na  Sabaid  a  choimhead 
naomh."  Cha  robh  Uilleam  riamh  dear- 
madach  air  an  aithne  sin.  Gu  latha  a  bhais 
bha  e  a'  toirt  urram  do  latha  an  Tighearna. 
Ach  thachair  dha  uair  a  bhi  air  thurus  air 
maduinn  na  Sabaid.  Co  a  choinnich  air 
ach  seanair  de'n  Eaglais ! 

"  Uilleam,  Uilleam,"  ars  an  seanair,  agus 
e  duilich  a  charaid  fhaicinn  a'  teachd  gearr 
ann  an  dleasdanas  na  Sabaid,  "  shaoil  mi 
nach  deanadh  tu  turns  air  latha  an  Tigh- 
earna !  " 

Ach  cha  robh  Uilleam  gun  a  fhreagairt. 
Bha  ceo  air  bhi  ann  Di-Sathuirn,  agus 
chaidh  Uilleam  iomrall  anns  a'  cheo.  A' 
deanamh   leisgeil  dheth   sin,  fhreagair  e, 

"  Ma  chuir  an  Tighearna  am  mearachd 
sinn  an  de,  car  son  a  bhiodh  E  feargach 
ruinn  le  feum  dheanamh  de  latha  na  fois 
gu  ar  cur  ceart  an  diugh  ?  " 

Fagaidh  mi  aig  an  leughadair  a'  cheisd 
sin  a  fhreagairt. 

Am  Bas 

Aon  latha,  agus  is  e  so  am  freagairt  mu 
dheireadh  aig  Uilleam  air  an  dean  mi 
iomradh,  rainig  e  tigh  gus  an  robh  teachdair 
a'  bhais  air  tighinn.  Dh'  fhosgail  e  an 
dorus,  agus  bha  e  a'  gabhail  a  steach  an 
uair  thuirt   fear   de   na   cairdean  ris, 

"  Rach  a  mach,  Uilleam  ;  tha  'm  Bas 
'n  so." 

"  0  cha  teid,"  fhreagair  Uilleam,  "  bha 
e  'n  so,  rinn  e  a  ghnothuch,  agus  dh'fhalbh 
e  mu'n  tainig  sinn  a  steach." 

Cha  deach  dorus  riamh  a  dhunadh  air 
Uilleam    fad    an    da    fhichead    bliadhna    a 


UILLEAM  ABRACH— ANNA  A'  CHATHAIR 


bha  e  air  shiubhal.  Agus  cha  b'  e  Uilleam 
a  mhain  a  gheibheadh  Ian  ti  a  blieatlia  aig 
gach  tigh  a  tliadhaileadh  e,  ach  mar  an 
ceudna  a  h-uile  neach  a  bhiodh  a'  gabhail 
an    rathaid. 

Ach  gheibheadh  Uilleam  failte  shon- 
ruichte.  Chan  e  mhain  gu'n  robh  iad 
deidheil  air  bhi  cluinntinn  a  fhreagairtean, 
agus  tha  aln  beagan  a  tha  air  a  chur  sios 
ann  an  so  a'  nochdadh  cho  deas-bhriathrach, 
pongail,  agus  a  bha  e,  ach  bha  iad  mar  an 
ceudna  cuimhneachail  air  cho  onorach  agus 
direach  's  a  bha  e,  'n  a  ghitilan  's  'n  a  chaith- 
eamh-beatha,  mu'n  tainig  an  tubaist  air 
agus  bha  truas  an  cridhe  aca  ris. 

An  uair  a  bha  Uilleam  air  leabaidh  a 
bhais,  agus  bu  mhor  an  caoimhneas  agus 
an  carthannas  a  nochdadh  dha,  bhiodh  e 
gu  minic  a  labhairt  ris  fhein,  agus  a'  comh- 
radh  ri  Dia  mar  charaid. 


"0,  Dhia,"  theireadh  e,  "  dean  trocair 
oirnne  ;  mur  dean  Thu  fein  e,  chan  'eil 
ncach  eile  a  ni  e  ;  gheall  Thu  gu'n  deanadh 
Tu  e,    's  feumaidh  Tu  a  dheanamh." 

Bha  Uilleam  air  a'  mhodh  so  a'  greimeach- 
adh  air  trocair  Dhe,  agus  faodaidh  sinn  a 
bhi  cinnteach  nach  do  mhealladh  a  dhochas 
agus    earbsa. 

"  Bithidh  cuim.hne  an  fhirein  bean- 
naichte."  Is  i  sin  a'  chuimhne  a  tha  air 
Uilleam  Abrach  an  Duthaich  'Ic  Aoidh. 


(Tha  mi  an  comain  leabhar  taitneach, 
Sketches  of  Sutherland  Characters,  a  bha 
air  a  chur  am  mach  ann  an  1889  le  Alasdair 
Mac  Aoidh,  a  thionail  sgeulachdan  agus 
freagairtean   Uilleam   Abraieh. — ^R.I.M.) 


Anns  a'  Chathair 

{air  a  leantuinn) 


ANNS  an  aireamh  mu  dheireadh  bha  mi 
ag  radh  nach  e  idir  solus  reusoin  a  tha  a' 
cur  as  do  'n  chreideanih  a  bha  aig  daoine 
ann  an  teine  ifrinn  ach  a  ghrain  a  tha  aca 
air  an-iochmhorachd.  Tha  fhios  aca  nach 
leigeadh  an  truacantas  fhein  leo  gniomh 
oillteil  mar  sud  a  dheanamh,  agus  tha  .iad 
cinnteach  cuideachd  gu  bheil  truacantas  agus 
uaisle  ann  an  Dia  nach  'eil  annta  fhein.  Sin 
staid  inntinn  ris  nach  ruig  thu  a  leas  dol  a 
reusonachadh  ;  cha  bhiodh  ann  ad  reuson- 
achadh  dhaibh  ach  mar  gu  'm  biodh  feadair- 
eachd  na  gaoithe.  Ach  ma  tha  cridhe  blath 
agus  caomhail  aig  duine  c6  a  ghabhadh  air 
fhein  a  radh  ris  gu  'm  b'  fhearr  dha  solus  a 
reusoin  a  leantuinn  seach  faireachduinean 
a  chridhe  ? 

An  duine  agus  clann  na  machrach 

Anns  an  t-seann  t-saoghal  cha  robh  e  air 
aideachadh  gu  robh  coirichean  idir  aig  na 
creutairean  balbh,  no  gu  robh  dleasdanas 
air  bith  aig  clann-daoine  d'  an  taobh.  Bha 
an  daimh  a  bha  eatorra  air  a  cur  anns  an 
aon  fhacal,  "  gu  'n  d'  thug  Dia  do  'n  duine 
tighdarras  thairis  air  na  creutairean."  Leis 
a'  bharantas  sin  'n  a  laimh  rinn  mac  an 
duine  ann  an  iomadh  doigh  droch  ghiollachd 
air  beathaichean  agus  air  eoin,  as  a  bheil  e 
an  diugh  air  toiseachadh  air  naire  a  ghabhail, 
air  chor  agus  nach  urrainn  dha  sealltuinn  air 
caora,  no  air  muic,  no  air  damh,  anns  an 
aodann  air  eagal  gu  'n  abair  iad  ris,  "  0 
dhuine  gun  choguis,   cia  fhad  a  ghiiilaineas 


Dia  leis  an  lamhachas-laidir  a  tha  thu  a' 
deanamh  oirnne,  a'  marbhadh  chreutairean 
neochiontach  aig  a  bheil  solas  'n  am  beatha 
air  ghaol  do  ghoile  fhein  a  shasuchadh  ? 

Chan  urrainn  mise  freagairt  a  thoirt  dhaibh 
a  Ian  riaraicheadh  m'  inntinn  agus  mo  choguis 
fhein,  ach  ma  tha  cuid  d'  ar  luchd-leughaidh 
a  tha  an  diiil  gu  bheil  freagairt  chothromach 
aca-san  bhithinh  toilichte  a  thoirt  am  follais 
air  an  duilleig  so. 

Air  mo  shon  fhein  dheth,  cha  bu  mhaith 
leam  feuchainn  ri  riaghailtean  a  chur  sios  air 
a'  chilis  so,  ach  tha  mi  cinnteach  gu  bheil  a' 
cheart  choir  aig  na  creutairean  air  an  talamh 
a  shealbhachadh  's  a  tha  againne,  agus  gu  'm 
biodh  e  'n  a  pheacadh  dhomh  pian  a  chur  am 
feoil  eoin  no  ainmhidh,  a  ghabhadh  seachn- 
adh.  Tha  mi  cinnteach  cuideachd  gu  bheil 
e  maith  do  'n  dtithaich  so  agus  do  'n  t-saoghal 
iiile  gu  bheil  iochd  agus  truacantas  a'  fas 
innte,  eadhon  ged  dh'  fhaodas  na  faireachd- 
uinean sin  iad  fhein  a  nochdadh  air  uairean 
ann  an  doighean  neonach. 

0  na  h-aimhidhean 

Air  uairean  bithidh  na  diadhairean  a' 
bruidhinn  mar  gu'm  b'e  an  duthchas,  no 
an  cairdeas  a  tha  aig  mac  an  duine  ris  na 
h-ainmhidhean  as  aobhar  do  na  droch 
bheusan  a  tha  aige  agus  do  na  droch  ghniomh- 
aran  a  bhios  e  a'  deanamh,  agus  tha  moran 
fhacal  aca  leis  am  bi  iad  a'  craobh-sgaoileadh 
an  seorsa  teagaisg  sin.       Their  iad  nach  'eil 


6 


ANNS  A'  CHATHAIEr-AIG  AN  UINNEIG 


ann  an  duine  ach  a'  bhruid,  nach  fhearr  e 
na  beathach,  gu  gheil  nadur  an  tiogair  ann; 
agus  nach  bi  sith  air  thalamh  gu  brath  gus 
am  bi  seana  gline  an  tiogair  air  a  spionadh 
a  cridhe  mhic  an  duine  le  deagh  oilean  fad 
mhoran    ghinealan. 

A  bheil  so  ceart  ?  An  ann  o  dhiithchas 
nan  creutairean  balbh  a  tha  mac  an  duine 
air  a  thruailleadh,  no  an  ann  bhuapa  a  dh' 
ionnsaich  e  an  t-olc  ? 

Tha  e  duUich  na  h-aobharan  a  chunntas 
a  bhios  a'  toirt  air  daoine  tuiteam  oho  iosal 
's  gu  'm  bithear  ag  radh  nach  fhearr  iad 
na  na  beathaichean  ach  tha  salchar  'n  a 
fhear  de  na  h-aobhair  co  dhiubh.  Tha 
salchar  agus  trusdaireachd  a'  pogadh  beul 
ri  beul.  Tha  so  cho  fior  's  gu  bheil  e  'n 
a  chomharadh  cinnteach  ann  an  ctil- 
shraidean  a'  bhaile-mhoir  gu  robh  duine 
air  iompachadh,  gu'n  do  nigh  e  e  fhein  ann 
am  amar-failcidh,  no  mar  theirear  gu'n  do 
ghabh  e  bath.  Cha  b'ann  gun  fhios  aca 
ciod  a  bha  iad  a'  deanamh  a  chuir  daoine 
glic  baisteadh  air  chois  an  iomadh  creid- 
eamh  eile  a  thuilleadh  air  a'  chreideamh 
Chriosduidh. 

Ach  chan  'eil  na  beathaichean  fiadhaich 
no  creutairean  na  machrach  salach ;  tha 
iad  cho  glan  ris  an  fhraoch  no  ris  an  luachair. 
Ciod  air  bith  mar  fhuair  mac  an  duine  fasan 
no  gaol  an  t-salchair  chan  ann  bhuapa-san. 


Droch  roinn 

Rud  eile  a  tha  'na  aobhar  air  tomhas  mor 
de'n  olc  a  tha  am  measg  dhaoine,  an  droch 
roinn  a  tha  air  saibhreas  an  t-saoghail ; 
cuid  aig  nach  'eil  dad  agus  cuid  aig  a  bheil 
tuilleadh  's  a  choir  ;  am  bochd  a'  fas  far- 
madach  agus  feargach,  agus  am  beartach  a' 
fas   reamhar   agus   roiceil. 


Ach  chan  ann  mar  sin  a  tha  ciiisean  am 
measg  chreutairean  na  machrach  agus  na 
coille.  Tha  an  aon  ruith  orra  agus  an  aon 
bheoshlaint  aca  uile.  Buinidh  trocairean 
cumanta  na  talmhainn  dhaibh  uile,  do'n 
fheadhainn  oga  agus  do'n  fheadhainn  laga 
cho  maith  ris  an  fheadhainn  laidir.  Tha  an 
cuid  aca  an  comaidh,  agus  cha  bhi  iad  'g 
an  deanamh  fein  goirt  no  tinn  le  geocaireachd 
no  daorach,  da  rud  a  tha  ag  aobharachadh 
barrachd  uile  agus  truaighe  am  measg 
dhaoine  na  ghabhas  tomhas. 

Rud  eile  a  tha  a'  milleadh  beat  ha  agus 
suaimhneas  dhaoine  ana-miannan  a'  chuirp 
agus  mi-stuamachd,  an  gaol-striopachais 
a  tha  'n  am  feoil  agus  'n  am  fuil  fhein.  Sin 
aon  de  na  h-uilc  as  miosa  anns  t-saoghal 
an  diugh,  ach  chan  ann  o  na  beathaichean 
a  fhuair  mac  an  duine  an  droch  dhileab  so. 
Le'n  gabhail  thar  a  cheile  tha  creutairean 
na  machrach  stuama  agus  beusach  ;  an 
uair  a  thig  an  t-am  paidhrichidh  iad,  ach 
fad  na  bliadhna  'n  a  dheidh  sin  tha  iad 
cho  glan,  measarra,  geamnuidh  ri  canach 
an  t-sleibhe. 

Chan  urraiimear  a  radh  ma  ta,  gur  ann  o 
dhiithchas  nan  ainmhidhean  o'n  d'thainig 
e  (ma's  ann  bhuapa  a  thainig  e)  a  fhuair 
mac  an  duine  na  droch  fhasain  agus  na  droch 
chleachdaidhean  a  th^  aige  ach  o  dhroch 
thograidhean  agus  innleachdan  fhein.  Dh'- 
uisnich  e  a  reuson  agus  a  thoil  a  dhealbh 
aingidheachd  agus  neo-mhoraltachd  nach 
b'aithne   do   chreutairean   eile   riamh. 

Ach  gus  tighinn  air  m'ais  a  dh'  ionnsuidh 
na  puinge  air  an  do  thoisich  mi  chan  'eil 
teagamh  air  bith  nach  'eil  muinntir  na 
ddthcha  so  trocaireach  agus  coibhneil  ri 
creutairean  balbh,  aglis  cha  mho  a  tha 
teagamh  ann  gur  e  sin  aon  de  na  comhar- 
raidhean  gur  maith  do'  n  t-saoghal  gu  bheil 
iad  a'   sealbhachadh  uiread  dheth. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Ard-OUamh  Uilleam  M.  Mac  Griogair 

CHAOCHAIL  an  t-Athair  urramach  so  ann 
am  meadhon  an  t-samhraidh,  sgoilear  maith 
agus  searmonaiche  uasal  nach  d'  fhosgail 
riamh  a  bheul  gun  solus  agus  salann  a  bhi 
'n  a  bhriathran.  Bho  chaochail  an  t-Ollamh 
W.  P.  Paterson  cha  robh  duine  eile  an  eaglais 
na  h-Alba  a  bha  a'  seasamh  a  mach  os  cionn 
chaich  cho  comharraichte  ris  an  Ard-Ollamh 
W.  M.  Mac  Griogair,  agus  b'  e  an  t-aobhar 
gu'n  robh  an  dithis  ud  a'  seasamh  a  mach 
OS    cionn    chaich    gu'n    robh    claidheamh- 


soluis  air  an  leis  daonnan,  agus  gun  aig  each 
ach  maide-buntata.  An  iomadh  doigh  cha 
robh  iad  idir  coltach  ri  cheile  ach  bha  iad 
coltach  ri  cheile  anns  a'  chuid  so,  nach 
fasadh  tu  sgith  ag  eisdeachd  riu.  Bha 
salann  'n  an  seanchas  agus  'n  an  smuaintean 
ciod  air  bith  an  cuspair  air  am  biodh  iad  a' 
labhairt.  Bha  iad  'n  an  Ceann-suidhe  air 
an  da  Sheanadh  anns  an  aon  bhliadhna 
(1919),  W.  P.  Paterson  an  Eaglais  na  h-Alba 
agtis  W.  M.  Mac  Griogair  anns  an  Eaglais 
Shaoir  Aonaichte  ;  a'  charaid  a  b'  urra- 
maiche  air  a  bheil  cuLmhne  agam. 


AIG  AN  UINNEIG 


Ged  nach  robh  Gaidhlig  aig  an  Ollamh 
Mac  Griogair,  thainig  e  o  stoc  Gaidhealach 
ri  taobh  Loch  Tatha  ;  o  theaghlach  aig 
an  robh  talantan  maith  gu  nadurra,  oir 
chuir  a  sheanair  coignear  mhac  do'n  Oil- 
thigh.  B'e  fear  de  na  mic  sin,  Donnchadh 
Mac  Griogair,  athair  an  Ard-Ollaimh  ;  bha 
e  'n  a  mhinistear  an  Diin-deagh  agus  ann  an 
te  de  na  h-eaglaisean  Gaidhealach  an 
Glaschu. 

Mar  dhuais  d'a  sgoilearachd  agus  gu 
sonruichte  mar  dhuais  d'a  chliti  mar  shear- 
monaiche  thug  an  Eaglais  Shaor  Aonaichte 
a  h-uile  urram  do'n  Ollamh  W.  M.  Mac 
Griogair  a  bha  aice  ri  thoirt  dha,  ciibaidean 
ainmeil  an  Glaschu  agus  an  Dun-eideann 
far  an  liubhradh  e  a  theachdaireachd  do 
shluagh  a  bha  ullaichte  air  a  son  ;  Cathair 
ann  an  Collaist  na  Trianaid  an  Glaschu, 
far  an  robh  cothrom  aige  air  inntinnean 
nan  oileanach  oga  a  liibadh  amis  an  doigh 
a  bu  mhaith  leis  ;  ard-cheannas  a'  Chollaist 
an  uair  a  shiubhail  an  t- Ollamh  Clow ; 
agus  Cathair  an  Ard-Sheanaidh  an  1919, 
inbhe  cho  ard  's  gu  bheil  e  a'  deanamh 
dhaoine  Ro-urramach  a  bha  cheana  urra- 
mach. 

Ged  bha  larch  aig  an  Ollamh  Mac  Griogair 
ann  am  moran  eile  de  obair  na  h -eaglais 
bha  tlachd  agus  iiidh  shonruichte  aige  ann 
an  obair  na  h-eaglais  anns  a'  Ghaidhealtachd 
agus  aithne  is  eolas  air  ministearan  agus 
ceistearan  agus'  coimhthionailean  Gaidhealach 
nach  robh  aig  duine  eile,  a  mach  o'n  Ollamh 
Ruairidh  Mac  Leoid  no  Siobala  Nic  Phail. 
An  uair  a  bhiodh  an  triuir  cruinn,  agus  a 
thoisicheadh  bruidhinn  mu  chiiisean  na 
h-eaglais  an  Leodhas,  no  anns  an  Eilean 
Sgitheanach,  no  an  Cataibh,  cha  robh  bodach 
no  cailleach,  no  ceistear,  no  bean  ceistear, 
no  eildear,  no  fear-seinn  anns  na  seachd 
siorramachdan  nach  b'  aithne  dhaibh  ainm 
agus  a  shloinneadh,  agus  co  dhiubh  bha  e 
crosda  no  sitheil,  no  ciod  a  bha  aig  bean 
Thormoid  an  aghaidh  bean  a'  mhinisteir. 
Bha  cuimhne  aig  an  Ollamh  Mac  Griogair 
a  bha  'n  a  chiiis-f harmaid  ach  air  uairean 
'n  a  chiiis-eagail.  Cha  dona  an  rud  e  toll 
a  bhi  ann  an  cuimhne  duine,  as  an  tuit 
treathlaich  nach  bu  mhaith  leat  a  bhi  a' 
giulan  air  t'inntinn. 

An  1900  chomhairlich  an  t-Ollamh  Marcus 
Dods  do'n  Ollamh  Robertson  Nicoll  a  shlat 
a  shiabadh  os  cionn  W.  M.  Mac  Griogair, 
"  ma  bheireas  e,"  ars  esan,  "  air  a'  chuileig 
bi  cinnteach  gur  e  iasg  mor  a  tha  air  do 
dhubhan;  dh'fhaodadh  a  h-uile  searmon  a 
tha  e  a  liubhairt  a  bhi  air  an  cur  an  clodh 
gun  aon  fhacal  air  atharrachadh  seach  mar 
tha  e  'g  an  labhairt." 


Tha  e  duilich  a  radh  co  ris  a  theirear  fior 
shearmonaiche  maith.  An  abradh  tu  gur 
duine  e  a  thairngeas  a'  mhor-chuideachd  'g 
a  eisdeachd  agus  ris  an  eisd  iad  le  tlachd  ? 
Cha  do  tharruing  W.  M.  Mac  Griogair  a' 
mhor-chuideachd  'g  a  eisdeachd,  oir  cha 
robh  guth,  no  fileantachd,  no  cleasan,  no 
cuilbheartan,  aige  a  chuireadh  sluagh  fo 
gheasaibh,  agus  cha  mho  a  bha  teas  no 
toirm  'n  a  liubhairt.  Ach  air  a  shon  sin 
bha  iarmad  beag  de  dhaoine  ciuin  agus 
tuigseach  an  Dim-eideann  a  bhiodh  ag 
eisdeachd  ris  le  ro-aire  o  sheachduin  gu 
seachduin  ;  ag  eisdeachd  ris  le  tlachd  agus 
buannachd  spioradail  dhaibh  fein,  agus 
bha  a'  bhuannachd  spioradail  sin  air  a 
thoirt  do'n  eaglais  Chriosduidh  uile  an 
uair  a  chuir  e  leabhar  as  deidh  leabhair  d'a 
shearmoin  a  mach  an  clodh,  losa  Criosd, 
Mac  Dhe  (an  1909)  ;  Cuid  de  Mhinis- 
trealachdan  Dhe  (an  1910)  ;  agus  Criosd 
agus  an  Eaglais  (an  1937). 

Sin  searmoin  as  cudthromaiche  agus  as 
brioghmhoire  a  bha  air  an  sgriobhadh  no 
air  an  liubhairt  an  Albainn  o  chionn  leth- 
cheud  bliadhna,  smior  a'  chruithneachd  gun 
mholl  gun  smodan.  Chan  'eil  aon  cheann- 
teagaisg  suarrach  anns  na  tri  leabhraichean  ; 
tha  iad  uile  mu  fhirinnean  mora  a'  Chreidimh, 
mu  ghras  iongantach  Dhe,  agus  mu  Phearsa 
glormhor  an  t-Slanuigheir.  Tha  iad  domhain 
mar  tha  an  cuan  domhain,  ach  tha  fuaim 
agus  aileadh  an  t-soisgeil  annta  uile. 

B'  fhiach  do  mhinistearan  oga  leabh- 
raichean an  Ollaimh  W.  M.  Mac  Griogair 
a  leughadh  ged  nach  deanadh  iad  e  ach  a 
dh'  ionnsachadh  Beurla  a  sgriobhadh  le 
snas  agus  grinneas,  agus  an  teachdaireachd 
a  liubhairt  le  cuimse  facail  agus  caomhan- 
tachd  bhriathran.  Ach  b'  fhiach  dhaibh 
gu  sonruichte  an  leughadh  agus  an  ath- 
leughadh  chum  agus  gu'n  tuigeadh  iad  na  b' 
fhearr  saibhreas  agus  farsuingeachd  an 
t-soisgeil  agus  a'   Bhiobuill. 

Tha  cuimhne  agam,  mar  gu'm  b'ann  an 
de  a  bha  ann,  a'  cheud  uair  a  leugh  mi  fear 
de  shearmoin  W.  M.  Mac  Griogair  ;  agus 
b'e  an  smuain  a  dh'  eirich  'n  am  inntinn  an 
la  ud  mo  smuain  dheireannach  umpa,  an 
deidh  dhomh  an  leughadh  air  fad — so  guth 
.  caol  ciuin  anns  a  bheil  gliocas  a  tha  o  shuas, 
duine  aig  a  bheil  solus  'n  a  inntinn,  agus 
lan-abachd  spioradail. 

Cha  robh  e  furasda  dha  giulan  gu  toileach 
no  gu  faidhidinneach  le  bumailearan,  no 
furasda  dha  dorus  a  bhilean  a  dhtinadh  air 
'  eagal  gu'n  abradh  e  Raca  ri  brathair  a  bha 
mor-bheachdail  air  fhein,  ach  am  bitheantas 
chan  'eil  ann  an  daoine  iomlan  ach  daoine 
sgitheil,  agus  bu  mhor  am  beud  na'n  robh 


AIG  AN  UINNEIG 


seanchas  agus  briathran  an  Ollaimh  W.  M. 
Mac  Griogair  gun  an  salann  a  bha  annta. 

Cha  d'  fhag  e  a  leithid  eile  'n  a  dheidh  anns 
an  eaglais,  no  duine  eile  a  bha  'n  a  aobhar- 
uaill  dhi  mar  bha  esan.  Bha  a  lathaireachd 
anns  an  Ard  Sheanadh  'n  a  urram  do  'n 
eaglais  ged  nach  fosgladh  e  a  bheul,  agus  a 
dh'  aindeoin  gach  oidhirp  a  thatar  a'  deanamh 
an  diugh  gus  daoine  a  bhi  co-ionnan  agus 
coltach  ri  cheile,  tha  e  maith  do  'n  eaglais 
gu'm  biodh  pearsachan-mora  innte  a  tha 
a'  seasamh  a  mach  os  cionn  chaich. 

Am  facal  Appeasement 

Cha  mhi-thoigh  leamsa  am  facal  so  idir, 
ach  tha  moran  dhaoine  aig  a  bheil  uiread 
grain  air  's  nach  mor  nach  teid  iad  air  a' 
chuthach  ma  leughas  no  ina  chluinneas  iad 
e.  Tha  iad  an  duil  gu'n  rachadh  Hitler  air 
ais  na'n  d'  fheuch  Chamberlain  ri  doigh  eile 
a  ghabhail  air  seach  appeasement. 

Ciod  a  tha  appeasement  a'  ciallachadh  ? 
Ma  tha  mise  a'  tuigsinn  an  fhacail  tha  e 
a'  ciallachadh  an  doigh  no  an  diirachd  a  tha 
aig  aon  duine  air  duine  eile  a  chiuineachadh 
los  sith  agus  reite  a  chumail  eatorra  ;  rian 
a  chumail  air  cho  fad  's  a  tha  sin  comasach 
a  dheanamh  ;  gun  bhi  ro  chas  no  ro  bhras 
air  maoidheadh,  ach  faidhidinneach  agus 
so-chomhairleachail  am  facal  agus  an 
gniomh. 

Sin  mar  tha  mise  a'  tuigsinn  an  fhacail 
appeasement,  agus  sin  an  doigh  cuideachd 
anns  am  bu  mhaith  leam  daonnan  duine 
eile  a  choinneachadh  ma  bha  connspoid 
no  connsachadh  eadaruinn.  Agus  saoilidh 
mi  gu  bheil  an  doigh  sin  glic  agus  criosdail. 

Ach  feumaidh  e  bhith  gu  bheil  moran 
dhaoine  a'  tuigsinn  an  fhacail  appeasement 
ann  an  doigh  eile  ;  a'  ciallachadh  leis  gu  robh 
Chamberlain  'g  a  chrubadh  fhein  leis  an 
eagal  a  bha  air  roimh  Hitler,  agus  a'  toirt  air 


Breatunn  striochdadh  trailleil  a  dheanamh 
dha. 

Co  dhiubh  a  rinn  Chamberlain  sin  no 
nach  do  rinn,  chan  e  sin  a  tha  appeasement 
a'  ciallachadh,  agus  cha  bu  choir  do  dhaoine 
a  bhi  a'  fiaradh  brigh  an  fhacail  no  a'  dean- 
amh dimeas  air  doigh  a'  bha  riamh  aig 
Breatunn  an  uair  a  bhiodh  connspoid  eadar 
i  fhein  agus  rioghachd  no  rioghachdan  eile. 
Chan  abhaist  do  Bhreatunn  a  bhi  a'  maoidh- 
eadh. Na'n  d'  thubhairt  Chamberlain  ri 
Hitler  anns  a'   cheud   dol-a-mach,   A  mhic 

an    diabhoil,    bheir   mise    ort ,    an 

abradh  tu  gur  e  sin  doigh  a  b'  fhearr  ? 

Saoilidh  mi  gu  bheil  aobhar  aig  an  riogh- 
achd a  bhi  toilichte  nach  do  thoisich  i  air 
mionnachadh  agus  mallachadh  agus  tapaid 
gus  an  d'  fhairtlich  e  oirre  rian  a  chur  air 

Hitler  le  appeasement. 

****** 

So  agad  seann  naidheachd  as  a'  Bhiobull, 
a  dh'  fhaodadh  an  tiotal  appeasement  a  bhi 
air  a  chur  os  a  cionn. 

"  Bha  comhstri  eadar  buachaillean  spreidhe 
Abraim  agus  buachaillean  spreidhe  Lot,  agus 
thubhairt  Abraim  ri  Lot,  Na  bitheadh, 
guidheam  ort,  comhstri  eadar  mise  agus 
thusa,  agus  eadar  mo  bhuachaillean  agus 
do  bhuachaillean-sa  oir  is  braithrean  sinn. 
Nach  'eil  an  tir  uile  romhad  ?  Ma  ghabhas 
tusa  dh'  ionnsuidh  na  laimhe  clithe,  an 
sin  theid  mise  dh'  ionnsuidh  na  laimhe 
deise,  agus  ma  theid  thusa  dh'  ionnsuidh 
na  laimhe  deise,  an  sin  gabhaidh  mise  dh' 
ionnsuidh  na  laimhe  clithe.  Agus  thagh 
Lot  dha  fein  comhnard  lordain  uile,  agus 
dhealaich  na  cairdean  ri  cheile." 

Fhuair  Lot  sanntach  Lebensraum  dha 
fhein  agus  d'a  dhaoine  agus  d'a  spreidh, 
ach  fhuair  Abraham  duals  a  b'  fhearr ; 
fhuair  e  beannachd  an  Ti  naoimh  d'an  ainm, 
Dia    na    sithe. 


An  Laoidheadair 


Bu  chp  fus  a  dh'   losa 
An  crann  crion  uradh, 
'S  an  crann  tir  a  chrionadh, 
Na  'm  b'e  run  a  dheanamh : 

losa  !  losa !  losa  ! 

losa  bu  choir  a  mholadh. 

Ni  bheil  lus  an  lar, 
Nach  bheil  Ian  d'a  thoradh; 
Ni  bheil  cruth  an  traigh, 
Nach  bheil  Ian  d'a  shonas: 

losa !  losa  !  losa  ! 

losa   bu   choir  a  mholadh. 


Ni  bheil  creubh  am  fairge, 

Ni  bheil  dearg  an  abhainn, 

Ni  bheil  call  an  fhailbhe, 

Nach  bheil  dearbh  d'a  mhaitheas: 

losa !  losa !  losa  ! 

losa   bu  choir  a  mholadh, 

Ni  bheil  ian  air  sgeith, 
Ni  bheil  reul  an  adhar, 
Ni  bheil  sian  fo'n  glirein, 
Nach  tog  sgeul  d'a  mhaitheas : 

losa  !  losa  !  losa ! 

losa  bu  choir  a  mholadh. 


Aireamh  ii 


1944 


An  guaillibh  a  cheile 

Leis  an  Ollamh  Colla  Ddmhnullach,  Lagan-mo- Ghoid. 

"  Agus  an  uair  a  bha  na  maraichean  air  teicheadh  a  mach  as  an  luing 
agus  a  leig  iad  sios  am  bata  do'n  fhairge,  a'  gabhaii  orra  bhi  tilgeadh  a  mach 
acraichean  a  toiseach  na  luinge  :  tJiubhairt  Pdl  ris  a  cheannard-ceud  agus  ris  na 
saighdearaibh,  mur  fan  iad  sin  's  an  luing,  chan'eil  e  an  comas  duibh  bhi  air 
ar  teasairginn.'' — Gniomhara  xxvii.  30-31. 


AIR  suaicheantas  aon  de  na  fineachan 
G^idhealach  tha  na  facail  so  sgriobhta — 
"  air  muir  's  air  tir."  Tha  leam  gu'm  bheil 
na  facail  car  morchuiseach  air  son  treubh 
'sam  bith,  ach.  tha  iad  gle  fhreagarrach  air 
muinntir  Bhreatuinn.  Tha  gaol  na  mara 
diithchasach  dhaibh  agus  tha  farsuinneachd 
na  h-iompalreachd  a'  dearbhadh  nach  bu 
lugha  an  gaisge  air  tir,  ach  is  ann  air  aghaidh 
na  mara  a  choisinn  iad  an  cliii  is  airde.  Tha 
so  fior  gu  sonruichte  mu'n  bhuidheann  sin 
de'n  t-sluagh  a  tha  an  comhnuidh  anns  na 
h-eileanan  agus  mu'n  cuairt  nan  cladaichean. 

Tha  iad  sar  eolach  air  a'  chuan  anns  gach 
oruth — an  uair  a  tha  fiath-nan-eun  air  a 
ghniiis  agus  an  uair  a  tha  a'  ghaoth  n-iar 
a'  seideadh  le  nuallan  agus  boghaichean 
agus  sgeirean  a'  beucaich  's  a  biiirich.  Is 
e  deagh  mharaichean  a  bha  anns  na  Greug- 
aich  cuideachd,  agus  cha  robh  an  Greugach 
a  thug  dhuinn  eachdraidh  na  luinge  a  bha 
giillan  Phoil  do'n  Roimh  gun  eolas  mara. 

Ann  an  litreachas  an  t-seann  saoghaH 
no  litreachas  ar  hnn  fein  chan'eil  cunntas 
a  tha  toirt  cunnartan  na  mara  cho  soilleir 
agus  cho  neo-mhearachdach  fa  chomhair 
ar  n-inntinn. 

Cleachdadh  uasal 

Is  ann  eadar  deireadh  an  fhoghair  agus 
toiseach  a'  gheamhraidh  a  sheol  an  long, 
agus  bha  an  t-sid  mar  bu  dual  dhi.  O'n 
toiseach  bha  a'  ghaoth  an  ceann  agus  mu 
dheireadh  bhuaU  gaoth  Euroclidon  iad — 
'g  an  greadadh  fo  mhuir  Adria  gu  cladach 
Thunisia  mar  gu'n  robh  krcan  'ga  iomain 
le  smth.  Aig  airde  an  cunnairt  thug 
sgioba  na  luinge  oidhirp  air  faotainn  air 
tir  anns  a'  gheola — coma  ged  rachadh  a' 
mh6r-chuideachd  a  chall.  Cha  b'ionnan  a 
ghnath  leibideach  aig  na  maraichean  Greug- 
ach agus  cleachdadh  uasal  agus  beusach 
Bhreatuinn— "te&,rnaibh  na  mnathan  agus 
a'  chlann  an  toiseach,  luchd-turuis  an  sin 


agus  sgioba  na  luinge  mu  dheireadh,  ma 
bhitheas  iiine  no  cothrom  an  tearnadh." 
Dh'fhaodainn  teagasg  fhallain  a  thogail 
as  an  t-suidheachadh  so,  ach  tha  an  t-4m 
tionndadh  ris  na  ceart  bhriathran  a  ghlac 
m'aire  fhein  "  mur  fan  iad  sin  's  an  luing 
chan'eil  e'n  comas  duibh  a  bhi  air  ar  teasair- 
ginn."  B'e  sin  ri  rkdh. — tha  sinn  ceangailte 
air  an  aon  ghad.  Tha  sinn  an  crochadh 
ri  cheile.     Te^rnar  no  caillear  sinn  comhla. 

Ciod  air  bi  cho  gleusda  agus  a  tha  thu, 
chan  urrainn  dhuit  seasamh  fa  leth  air  do 
bhuinn  fhein  'n  ad  aonar.  Tha  thu  fo 
chomaine  sluagh  gun  aireamh.  Bha  aran 
cruinneachd  air  do  bhord  maduinn  an 
diugh,  ach  dh'fh^s  an  cruinneachd  air  mach- 
raichean  America  agus  Chanada,  agus  chaidh 
e  troimh  mhile  l^imh  mu'n  d'rMnig  e  thusa. 
Ma's  e  an  t-aodach  a  tha  air  do  dhruim, 
rinneadh  e  de  chloimh  chaorach  a  bha  'g 
ionaltradh  air  raontan  farsuinn  Astralia 
agus  Argentina.  Tha  sinn  an  luib  a  cheile, 
CO  dhiubh,  a  dh'aidicheas  no  dh'aichaidheas 
sinn  ar  daimh. 

Tha  so  fior  gu  sonruichte  air  b6rd  soithich 
a  tha  ceudan  mile  bho  thir  agus  bho  chobhair 
ann  an  latha  na  h-eiginn.  Anns  an  dorcha 
ri  am  na  doininn  tha  an  sgiobair  agus 
l^mhan  a'  bh^ta  anns  an  aon  gh^bhadh  : 
ma  bhriseas  fiabhrus  a  mach,  tha  an  sgiobair 
air  an  drochaid  agus  na  maraichean  air 
an  urlar  iochdrach  anns  a'  chunnart  cheudna. 

Aon  teaghlach 

An  uair  a  tha  cuibhlean  ar  beatha  a'  dol 
mu'n  cuairt  gu  reidh  chan'eil  cuimhne  air 
meinneadair,  ach  stadadh  an  gualadair  a 
chladhach  guail  agus  bithidh  mnathan  agus 
paisdean  gun  seol  air  blathas  nan  tighean, 
no  doigh  air  biadh  a  dheasachadh.  Ciod 
a  tha  ann  an  sluagh  an  t-saoghail  an  diugh 
ach  aon  teaghlach  ?  Ach,  sgeul  na  truaighe, 
chan'eil  spiorad  c^irdeil  aon  teaghlaich 
'n  am  measg.  -  --   -----  - 


AN  GUAILLIBH  A  CHEILA 


Bha  lethsgeul  nan  linntean  a  dh'fhalbh 
ri  ghabhail.  Bha  monadh,  fasach,  agus 
cuantan  'g  an  dealachadh.  Bha  iad  gun 
eolas  air  a'  cheile,  gun  chanain  choitchionn, 
agus  an  uair  ainmig  a  thachradh  iad  chan 
ann  mar  chairdean  ach  mar  naimhdean  a 
bha  iad  a'  sealltainn  air  a  cheile.  Ach  an 
diugh  le  meud  agus  seoltachd  ar  n-innleach- 
dan  tha  cearnan  iomallach  an  t-saoghail 
mar  gu'n  robh  iad  anns  a'  choimhearsnachd. 

Is  e  cairdeas  agus  deagh  run  a  tha  'g  ar 
dith,  agus  gus  an  leig  sinn  le  gradh,  spiorad 
an  teaghlaich,  ar  cridheachan  a  riaghladh 
cha  bhi  sith  no  sonas  anns  an  t-saoghal. 
Is  e  gradh  an  cumhachd  is  laidire  air  an 
t-saoghal.  Tha  gradh  mar  a'  ghrian  an 
coimeas  ri  stoirm.  Ni  stoirm  sgrios  ach  ni 
feartan  caomh  na  greine  miorbhuilean  a 
bheir  beannachadh  'n  an  cois.  Is  e  toradh 
a'  ghraidh  sith,  ach  taic  ri  fh-eantachd  cha 
do  chum  agus  cha  chum  cogadh  agus  stri. 

Thug  fear  'nar  latha-ne  oidhirp  air  saoghal 
ur  a  dheanadh  le  lamhachas  laidir,  agus 
.smachd  neo-iochdmhor.  Ach  is  e  a  rinn 
e — mallachd,  milleadh.  agus  sgrios.  Cha 
b'e  a'  cheud  fhear  a  gheall  neamh  air  thal- 
amh  ?  do  dhaoine  ach  as  eugmhais  spiorad 
a'  chairdeis  theid  gach  Utopia  'n  a  sgealban. 

Chaidh  roimhe  so  buidheann  bheag  de 
dhaoine  a  bha  de'n  aon  inntinn  do  Phata- 
gonia  agus  bha  iad  cinnteach  gu'm  biodh 
iad  sona.  Chuir  an  ceannard  aon  chumhriant 
orra — nach  aidicheadh  iad  creideamh  'sam 
bith.  Chaidh  gach  gnothuch  gu  math  fad 
bliadhna  no  dhk,  ach  an  deidh  sin  dh'fhalbh 
sith  agus  dh'eirich  aimhreit. 

Saoghal  ur 

Tha  mi  sgith  de  sheanachas  dhaoine  a 
tha  a'  gealltainn  saoghal  ur  gasda  dhuinn — 
tighean  farsuinn  fallain  leis  gach  goireas, 
tuarasdal  mor  agus  beagan  saothair,  agus 
pailteas  de  gach  ni  a  thoileachas  an  t-siiil 
agus  a  sh^suicheas  gach  miann.  Mur  bi 
spiorad  a'  ghraidh  'g  ar  riaghladh  cha 
chruthaich  daoine  saoghal  m  is  fhearr  na'n 
saoghal  is  aithne  dhuinn. 

Is  e  spiorad  ur  a  tha  'g  ar  dith,  spiorad 
c^irdeil    gradhach    Chr'iosd,    agus    an    uair 


a  bhitheas  sin  againn  thig  an  saoghal  ur 
gun  tuilleadh,  seanchais.  Is  e  spiorad  a' 
ghraidh,  spiorad  an  teaghlaich  an  aon 
ghlaodh  a  thathas  sinn  ri  cheile.  "  Ged 
robh  agam  "  arsa  Pol  "  faidheadarachd 
agus  ged  thuiginn.na  h-uile  rtma  diomhair 
agus  gach  uile  eolas,  agus  ged  bhiodh  agam 
gach  uile  gne  creidimh,  ionnus  gu'n  athar- 
raichinn  sleibhtean,  agus  mi  gun  ghradh 
agam,  chan  'eil  annam  ach  neoni."  A  nis 
c'aite  am  faigh  sinn  an  coibhneas,  spiorad 
a'  ghraidh,  spiorad  foighidneach,  fad-fhul- 
angach,  spiorad  an  fhein-aichaidh  ach  ann 
an  losa  Criosd  ?  Ach  is  e  mi-fhortan  pan 
laithean  anns  am  bheil  sinne  beo  gu'm 
bheil  moran  am  beachd  gu'm  faod  sinn 
toradh  a'  chreidimh  Chriosduidh  a  mheal- 
tainn  agus  ctil  a  chur  ri  losa.  Is  e  sin  a 
dh'fhag  an  saoghal  mar  a  tha  e,  sluagh  nan 
rioghachdan  ann  an  amhaichean  a  cheile, 
na  maighstirean  agus  na  seirbhisich  a' 
tarruing  an  aghaidh  a  cheile,  mar  a  bhitheas 
gaisgich  da  sgir  a'  spionadh  taod  laidir  aig 
luth-chleasan  anns  an  Oban  no  an  Inbhir- 
nis. 

Mur  ctim  sinn  comhla,  caillear  sinn.  Mur 
fan  sinn  anns  an  luing  chan  'eil  e  an  comas 
duinn  a  bhi  air  ar  teasairginn.  Is  coma  c6 
dhiubh  a  bhitheas  righ  no  iompaire  'g  ar 
riaghladh,  no  ceannard  taghta  ann  an 
cathair  mhor  na  diithcha,  ma  bhitheas 
spiorad  Chriosd  ann  an  cridheachan  uach- 
darain  agus  iochdarain.  "  Chan'eil  eifeachd 
'sam  bith  ann  an  timchioll-ghearradh  no 
ann  an  neo-thimchioll-ghearradh  ach  an 
an  creideamh  a  dh'oibricheas  tre  ghradh." 
"  Is  e  toradh  an  Spioraid  gradh  aoibhneas, 
sith,  fad-fhulangas,  caomhalachd,  maitheas, 
creideamh,    macantas,    stuaim." 

Tha  tart  agus  acras  air  an  t-saoghal  an 
deidh  air  toradh  an  spioraid.  Ach  tha  aon 
ni  cinnteach — cuireamaid  ctil  ri  losa  agus 
thig  sgrios  agus  truaighe  an  lorg  ar  cean- 
nairc.  Is  Esan  sgiobair  na  luinge  agus 
mur  fan  sinn  maille  ris-san  cha  bhi  e  com- 
asach    dliuinn    sinn    fein    a    theasairginn. 

Amen. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 

Tha  tuilleadh  sonais  ann  an  diiil 

Na  th'  ann  an  crim  le  bhi  'n  a  shealbh. 


FAODAIDH  e  bhith  nach  sealbhaich  mise  gu 
brath  an  crun  ris  a  bheil  duil  agam,  agus  air 
am  bi  mi  air  uairean  a'  bruadar,  ach  mur 
sealbhaich,  fhuaif  mi  cuibhrionn  reusonta  de 


shonas  cheana  le  bhi  'g  a  fhaicinn  air  mo 
cheann. 

Tha  fichead  doigh  ann,  a  leughadair,  anns 
am   faod   duine   toilinntinn  fhaotainn  dha 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


fhein  gun  chron  a  dheanamh  do  dhuine  eile, 
agus  bidh  mise  a'  faotainn  solais  nach  beag  le 
bhi  sealltuinn  air  map  na  Gaidhealtachd 
gus  aite  boidheach  agus  seasgar  a  shonrach- 
adh  anns  an  teid  mi  a  chomhnuidh  an  uair 
a  dh'  fhasas  mi  aosda  agus  anfhann. 

Air  uairean  bidh  mi  a'  smuaineachadh 
gu'm  bu  mhaith  leam  mu  laitheari  a  chrioch- 
nachadh  an  eilean  mo  dhuthchais,  far  am 
biodh  glaodh  a'  Chrogain  agus  fuaim  na 
Traighe  Moire  'n  am  chluais  agus  a'  Bheinn 
Mhor,  agus  Stafa,  agus  'am  Baca, agus 
eileanan  Threisinnis,  'n  am  shealladh.  Do 
dhuine  a  tha  gaolach  air  grein  agus  air  nach 
'eil  eagal  roimh  ghaoith  bhiodh  Tiriodh  'n 
a  dheagh  ionad  taimh,  ach  tha  fuaimean 
eile  anns  an  eilean  an  diugh  nach  'eil  cho 
.  caomhail  ri  stoth  a'  chladaich,  oir  tha 
laimhrig-adhair  ann  agus  droch  Bheurla. 

Fad  bhliadhnachan  bha  mi  an  dtiil  gu'n  d' 
fhuair  mi  ionad  mo  th^imh,  shuas  aig  ceann 
Loch  Nis,  mu  choinneamh  Aiseag  Bhona.  Is 
iomadh  uair  a  chaidh  mi  thairis  air  Aiseag 
Bhona  a  dh'  fhaicinn  mo  charaid  gaolach, 
Tomas  Sinton,  an  uair  a  bha  mi  anns  na 
criochan  ud,  ach  cha  deachaidh  mi  riamh 
thairis  air  gun  e  thighinn  'n  am  cheann  gu'm 
bu  ghasda  leam  mo  laithean  a  chriochnachadh 
ann  an  tigh  beag  a  bha  shuas  air  a' 
bhrutfhach  os  ceann  an  locha.  Bha  reidhlean 
.  boidheach  mu  thimchioll  an  tighe,  agus  croit 
bheag  air  am  bithinn  a'  faicinn  bodach,  beag 
a'  buachailleachd  da  mhart  ;  a'  ghrian  a  dh' 
eireadh  gu  moch  air  a'  chroit  agus  air  an 
tigh  laigheadh  i  gu  h-anmoch  orra. 

Ach  bhuaith  sin  chunnaic  mi  aitean  eile 
air  an  do  leag  mi  mo  shuil ;  tigh  geal  ann  am 
Meadarloch,  mu  choinneamh  na  Conghaile  ; 
Tarscabhaig  ann  an  Sleibhte  far  am  faca  mi 
larach  air  an  do  shanntaich  mi  bothan  beag  a 
thogail  dhomh  fein  an  sealladh  Chuilinn  ; 
Aird-mheara  dliith  air  Ullabul  far  a  bheil 
samhchair  na  Sabaid  air  laithean  na  seach- 
duin,  agus  gach  ni  eile  a  thogadh  do  chridhe  ; 
muir,  is  monadh,  is  Beinn  JVlhor  Asaint. 

Sin  na  h-aitean  a  shonraich  mi  dhomh 
fhein,  agus  aite  no  dha  eile  nach  fhaod  mi 
ainmeachadh  air  eagal  gu'n  gearr  feadhainn 
eile  romham  a  tha  na's  dliiithe  do  chrioch 
an  seirbhis.  Ach  theagamh  nach  'eil  an 
cunnart  so  cho  mor  's  a  tha  mi  a'  saoilsinn  ; 
'n  an  aois  agus  'n  an  oige  is  e  Dim-eideann 
an  t-aite-taimh  air  a  bheil  a'  mhor-chuideachd 
de  mo  bhraithrean  an  toir. 

Cha  bu  mhaith  leam  deireadh  mo  laithean  a 
chur  sea  chad  anns  a'  bhaile  mhor,  no  an  aite 
air  bith  eile  ach  ann  an  cridhe  na  diithcha,  far 
a  bheil  na  nithean  as  docha  leam,  agus  air  a 
bheil  mo  ghaol  a'  meudachadh  mar  is  sine  a 
tha  mi  a'  fas. 


Tha  daoine  air  an  diithaich  a'  call  iomadh 
rud  maith  a  tha  aig  muinntir  a'  bhaile  mhoir 
ach  anns  an  t-saoghal  so  chan  urrainnear 
dad  fhaotainn  gun  phris  a  phaigheadh  air 
a  shon,  agus  is  fhiach  dhaibh  deanamh 
as  eugmhais  nan  nithean  maithe  sin  air  sgath 
nan  nithean  as  fhearr  a  tha  aca  air  an  duth- 
aich,  agus  nach  b'  urrainn  a  bhi  aca  n'  am 
fagadh  iad  i. 

An  uair  a  tha  gaol  aig  duine  air  an  duthaich 
agus  air  uir  na  talmhainn  mar  tha  aige  air 
a  phiiithair  no  air  a  bhrathair,  agus  cuimh- 
nich,  a  leughadair,  gur  coir  dhuit  gaol  a 
bhi  agad  air  an  talamh  a  chionn  gu  bheil 
an  talamh  naomh  agus  glan,  tha  companach 
agus  comhairliche  agus  feart-teagaisg  aig  an 
duine  sin  a  dh'  fhosglas  a  shiiilean  mar 
nach  b'  urrainn  maighstir-sgoile  air  an 
t-saoghal  a  dheanamh. 

Cha  fhreagradh  e  gu  maith  dhomhsa  a  bhi 
cur  siog  air  sgoilean  no  air  maighstirean- 
sgoile,  oir  cha  d'  fhag  mi  an  sgoil  fhathast, 
agus  tha  mi  ro  fhada  'n  an  comain  na  gu'n 
caininn  iad,  ach  air  a  shon  sin  tha  fhios  agam 
nach  ann  o  dhuine  no  bho  leabhar  a  fhuair  mi 
an  tomhas  gliocais  agus  sonais  air  an  do 
rainig  mi  anns  an  t-saoghal  so,  ach  o  na 
guthan  diomhair  leis  a  bheil  Dia  a'  labhairt 
rium  ann  an  obair  a'  chruthachaidh,  agus  o 
fheartan  cho  diomhair  'n  am  chridhe  fhein  a 
bhios  a'  co-fhreagradh  do  na  guthan  sin. 
Theid  aig  na  maighstirean-sgoile  air  ar 
n-inntinnean  a  gheurachadh  agus  daoine 
gleusda  tapaidh  a  dheanamh  dhinn,  ach  is 
fhearr  sonas  is  gliocas  na  gleusdachd  is 
tapachd,  agus  is  e  Dia  a  mhain  agis  ar 
Mathair  a  bheir  sin  dhuinn.  Le  ar  Mathair 
tha  mi  a'  ciallachadh  an  Talamh  as  an  tainig 
sinn. 

Mur  cual  thu  riamh  Gladstone,  no  Lloyd 
George,  no  am  Morair  Rosebery,  no  Winston 
Churchill  a'  deanamh  oraid  an  lathair 
ceithir  mile  duine,  no  mur  faca  tu  riamh 
Padraig  Pan  ann  an  Tigh-na-cluiche,  is 
call  dhuit  gun  teagamh  nach  robh  thu 
anns  a'  bhaile-mhor  a  chluinntinn  agus  a 
dh'  fhaicinn  sin,  ach  ma  chual  thu  guileag 
na  feadaig  air  a'  mhonadh  leat  fhein  air 
a'  mheadhon-oidhche,  no  ma  chunnaic  thu 
am  beithe  geal  anns  a'  choille  bheithe  ri 
solus  na  gealaich,  chunnaic  agus  chuala 
thu  nithean  a  bheir  na's  dluithe  do  Dhia  agus 
do  thobraichean  na  slainte  thu  na  guthan 
dhaoine. 

Gad  nach  'eil  mi  uile  gu  leir  cinnteach  tha 
amharus  agam  gu  bheil  na  boirionnaich  na's 
gaolaiche  air  a'  bhaile-mhor  na  na  fir.  Tha 
ni-eigin  ann  an  nadur  bhan  ris  nach  cord 
neochiontas  agus  samhchair  na  duthcha  ; 
feorachas  is  neonachas  iongantach  a  tha  toirt 


■^ 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


orra  am  baile-m6r  fheuchainn  los  am 
fiosrachadh  a  mheudachadh.  An  ni  a  bha 
ann  o  thus  is  e  sin  an  ni  a  tha  ann  fhathast ; 
chan  'eil  ni  nuadh  fo'n  ghrein.  Is  e  am 
feorachas  no  an  neonachas  so  a  thug  air  Eubb 
am  meas  toirmisgte  itheadh.  Dh'  fhas  i 
sgith  de  chumhannachd  a'  gharraidh  agus  de 
sh^mhchair  na  diithcha,  is  shanntaich  i  eolas 
agus  fasain  a'  bhaile-mhoir.  Ach  coltach  ri 
iomadh  a  h-aon  eUe  a  rinn  an  roghainn 
cheudna  cha  d'  fhuair  i  an  sonas  a  shaoil  i. 

Ged  nach  bu  mhaith  leam  so  a  ghlaodhach 
air  miillach  nan  tighean  bu  mhaith  leam  gu'm 
biodh  fhios  aig  mo  bhraithrean  anns  a' 
mhinistrealachd  air,  co  dhiu  an  fheadhainn  a 
tha  fas  aosda  agus  anfhann,  agus  a  tha  aii" 
bheul  an  obair  a  leigeil  dhiubh,  ach  aig  a 
bheil  mnathan  ceann-laidir  a  bheir  do 
Dhtin  eideann  iad,  a  dheoin  no  dh'  aindeoin. 

Tha  iomadh  rud  agamsa  ri  shocr  .chadh  fa 
chomhair    an    1^    anns    iarr    mi    air    Cleir 


Dhun-chailinn  mo  leigeil  mu  reir  le  am 
beannachd,  ach  tha  so  cinnteach  co  dhiu,  ma 
chi  mi  an  la  sin,  nach  teid  mi  a  dh'  fhuireach 
do'n  bhaUe-mhor.  Gheibh  mi  tigh  beag 
dhomh  fhein  ann  an  aite  boidheach  de'n 
duthaich,  ann  an  sealladh  na  mara  ma 
ghabhas  e  deanamh,  agus  dluth  do  eaglais 
far  nach  bi  am  ministear  a'  bruidhinn  air 
Hitler,  no  air  cor  an  t-saoghail.  Bu  mhaith 
leam  garradh  beag  a  bhi  agam  anns  am 
fasadh  Currain  agus  ceirslean-cail  as  am 
faodainn  boilich  a  dheanamh  ris  a'  mhinistir 
agus  ri  coimhearsnaich  eile  a  thigeadh  'g 
am  fhaicinn.  Agus  an  uair  nach  bi  duine 
agam  ris  am  bruidhinn  mi  bruidhnidh  mi 
rium  fhein,  oir  is  e  a'  bhruidhinn  as  fhearr 
do  dhuine  a  tha  aosda  agus  anfhann  a  bhi 
a'  bruidhinn  ris  fhein  ann  an  saluaaibh,  ann 
an  laoidhibh,  agus  ann  an  danaibh  spioradail, 
a'  seinn  agus  a'  deanamh  ciuU  'n  a  chridhe 
do  'n  Tighearna. 


Aig  an  Uinneig 


Cainnt  na  Ciibaid 

BHO  chionn  ghoirid,  agus  mi  a'  teagasg  na 
cloinne  anns  an  sgoil  Shabaid,  dh'  fhairtlich 
e  orm  gu  buileach  an  leasan  a  bha  air  a 
chur  sios  air  son  an  la  a  theagasg  ann  an 
doigh  a  bhiodh  buannachdail  do  'n  chloinn. 
Gu  fortanach  tha  Dia  a'  cur  ni-eigin  ann  an 
inntinn  na  cloinne  a  tha  'g  a  dheanamh 
duilich  do  mhinistirean  no  do  mhaighstirean- 
sgoile  cron  a  dheanamh  dhaibh,  ach  air  a 
shon  sin  bha  e  air  mo  choguis-sa  nach  do 
rinn  mi  ach  ceo  is  dorchadas  a  chur  ann  an 
inntinnean  na  cloinne  nach  ruigeadh  leas  a 
bhi  annta  na'n  d'  fhag  mi  Leabhar  Aith- 
ghearr  nan  Ceist  aig  an  tigh.  Tha  aite 
freagarrach  dha  fein  aig  a  h-uUe  rud  ;  is  e 
an  t-^ite  as  freagarraiche  do  Leabhar  Aith- 
ghearr  nan  Ceist  Tallachan  na  Diadhachd. 
Co  dhiu  chan  aite  freagarrach  dha  an  sgoil- 
Shabaid. 

B'e  a'  cheist  a  bha  air  a  cur  sios  air  son 
an  la  ud,  Ciod  e  fireanachadh  ?  A'  chuid 
de'n  chloinn  aig  an  robh  cuimhne  mhaith  dh' 
aithris  iad  an  fhreagairt  cho  luath  agus  cho 
iollagach  's  ged  bhiodh  iad  a'  gabhail  drain, 
ach  cha  robh  barrachd  suim  aca  do  na  briath- 
ran,  no  tuigse  ciod  a  bha  iad  a'  ciallachadh 
seach  na  bhiodh  aca  na'n  robh  iad  ann  an 
Eabhra.  A'  chuid  aig  nach  robh  cuimhne 
mhaith,  thuislich  is  thuislich  iad  a  ris  agus 
a  ris,  is  chuireadh  na  truaghain  gu  naire 
fhollaiseach  an  lathair  ch^ich.  Thachair 
dhaibh  mar  thachair  do'n  t-salmadair ;  thuit 
iad  an  cl^bar  criadha  tiugh. 


Is  e  fireanachadh  gniomh  saor  ghean- 
maith  Dhe  leis  a  bheil  e  a'  maitheadh 
dhuinn  ar  n-uile  pheacaidhean,  agus  a' 
gabhail  ruinn  mar  fhireanaibh  'na  fhian- 
uis,  agus  a  mhain  air  sgath  fireantachd 
Chriosd,  air  a  meas  dhuinn,  is  air  a 
gabhail  thugainn  le  creideamh  a  mhain. 

Shaoil  mi  gu'm  b'e  mo  dhleasdanas  feuch- 
ainn  r'a  mhineaiChadh  do'n  chloinn  ciamar 
a  ghabhas  fireantachd  a  bhi  air  a  gabhail 
thugainn  le  creideamh,  ach  fad  na  h-iiine 
bha  fhios  agam  nach  robh  an  eanchainn  no 
an  cridhe  a'  gabhail  suim  air  bith  do  na  bha 
mi  ag  radh  ;  agus  rud  bu  mhiosa  air  fad, 
chunnaic  mi  nach  robh  mi  ach  a'  sgaoileadh 
brat-sgaile  eadar  a'  chlann  agus  losa  air 
chor  agus  nach  b'  urrainn  dhaibh  aodann 
baigheil-san  fhaicinn.  Leum  an  smuain  'n 
am  inntinn  nach  robh  mi  a'  bruidhinn  ris  a' 
chloinn  mar  a  bhruidhneadh  losa  fein  riu  ; 
gu  robh  mi  a'  dorchachadh  an  inntinnean 
beaga  le  briathran  gun  bhrigh  gun  bheatha, 
agus  mar  sin  'g  am  bacadh  teachd  d'a  ionn- 
suidh.  Cha  bu  luaithe  a  thainig  an  smuain 
so  thugam  na  dhiiin  mi  Leabhar  Aithghearr 
nan  Ceist,  agus  dh'  fheuch  mi  ri  bruidhinn 
ris  a'  chloinn  ann  an  doigh  eile. 

Tha  an  diadhaidheachd  moran  na's  sim- 
pHdhe  na  shaoileadh  tu  bho  chainnt  luchd- 
teagaisg  ;  tha  sinn  uile  a'  dorchachadh  comh- 
airle  le  seana  bhriathran  a  chaill  am  brigh- 
agus  am  beatha  o  chionn  fhada,  a'  deanamh 
dorcha  nithean  a  tha  soUleir  gu  leoir,  agus 
a'   deanamh  duilich  nithean  a  tha  furasd. 


AIG  AN  UINNEIG 


Cha  ruig  searmonaiche  air  bith  a  leas  fiugh- 
air  a  bhi  aige  an  diugh  gu'm  faigh  e  aire 
dhaoine  mur  labhair  e  riu  ann  an  cainnt  a 
thuigeas  iad  ;  mur  dean  e  sin  chan  'eil  ann 
ach  ciombal  a  bhios  a'  gleangarsaich.  Tha 
na  h-uiread  fhacal  ris  a  bheil  daoine 
cleachdta  ann  an  cainnt  na  ciibaid  a  dk' 
fhaodadh  a  bhi  air  an  cur  air  an  sparr  gu 
brath  tuUleadh,  gun  chall  spioradail  air  bitli, 
a  chionn  gu'n  do  chaill  iad  cheana  am  brigh 
agus  an  cumhachd  do'n  ghineU  so,  agus  a 
chionn  gu'n  gabh  na  nithean  a  bha  iad  aon 
uair  a'  ciallachadh  a  bhi  air  an  cur  an  doigh 
eile  ;  an  doigh  anns  am  bean  iad  ri  reuson 
agus  coguis  na  gineil  uire. 

Gairm  difeachdach,  fireanachadh,  agus 
uchd-mhacachd,  agus  facail  eile  de'n  t-seorsa 
sin,  ciod  a  tha  iad  a'  ciallachadh  do  dhaoine 
an  diugh  ?  Chan  'eil  dad ;  theagamh  gu 
bheil  fuaim  dhiadhaidh  aca,  ach  sin  uile  e  ; 
chan  'eil  annta  ach  fuaim  nach  gluais  inn- 
tinn  no  coguis.  Agus  ciod  an  tairbhe  a  tha 
ann  do  dhuine  fuaim  naomh  a  dheanamh  an 
cluasan  a  luchd-eisdeachd  mur  duisg  e  an 
eanchainn  agus  an  coguis !  Gle  bhitheanta 
mar  is  motha  a  dh'  uisnicheas  luchd-teagaisg 
seana  bhriathran  naomha  anns  a'  chiibaid  is 
ann  as  lugha  a  tha  iad  a'  searmonachadh 
Chriosd.  Chan  'eil  anns  na  seann  bhriath- 
ran sin  a  thuiteas  cho  reidh  o'm  bilean  ach 
mar  gu'm  biodh  srann  sheilleanan  ruadha 
air  maduinn  shamhraidh.  Chan  ann  le 
briathran  a  bheathaichear  anam  mhic  an 
duine  ;  saoilidh  mi  gu'n  gabh  an  d^imh  a  tha 
eadar  Criosd  agus  an  t-anam  bruidhinn  air 
ann  an  doigh  as  simplidhe  agus  as  nadurra 
na  chainnt  a  chluinnear  air  uairean  anns  a' 
chiibaid. 

Cumhachd  na  Cilibaid 

Tha  e  duilich  a  radh  co  dhiu  a  tha  an 
searmonachadh  a  chluinnear  anns  na  laithean 
so  na's  fhearr  no  na's  miosa  na  bha  e  anns 
na  laithean  a  dh'  fhalbh.  Their  seann  daoine 
nach  'eil  an  dara  cuid  cumhachd  no  iighdarras 
anns  na  ciibaidean  an  diugh  mar  bha  annta 
leth  cheud  bliadhna  roimh  so,  ach  bha  seann  ■ 
daoine  ag  radh  an  ni  ceudna  o  thoiseach  an 
t-saoghail.  Ach  'na  aghaidh  sin  tha  so  ri 
radh,  nach  'eil  seorsa  leabhraichean  air  an 
t-saoghail  air  a  bheil  cho  beag  de  mheas  anns 
a'  mhargadh  ris  na  searmoin  aig  seann 
diadhairean.  Theagamh  gu'm  faigh  thu 
f  ichead  dhiubh  air  tasdan  no  eadhon  air  grot ; 
Boston  agus  Blair  agus  Hall  agus  Chalmers 
agus  Candlish  air  an  ceangal  ann  an  cean- 
glaichean  nam  marbh,  agus  air  an  reic  air  se 
sgUUnn.  Ach  cha  chuireadh  na  ceart  dhaoine 
a  bhios  ag  ardachadh  nan  searmonaichean 
sin  OS  cionn  feadhainn  an  la  diugh  sgillinn 
eile  orra. 


An  rud  a  fhreagras  air  aon  ghineil  cha 
fhreagair  e  air  ginealan  eile  ;  ged  nach  'eil 
an  soisgeul  fein  ag  atharrachadh  tha  an 
doigh  anns  a  bheil  an  soisgeul  air  a  theagasg 
agus  air  a  thuigsinn  ag  atharrachadh  linn 
as  deidh  linn.  Co  an  diugh  a  dh  'eisdeadh 
le  tlachd  ri  minisetar  a'  searmonachadh 
air  na  briathran,  Bithidh  ochd  huird  ann 
agus  an  casari  a  dh'airgiod,  se  casan  deug  ; 
da  chois  Jo  aon  bhord,  agus  da  chois  fo  bhdrd 
eile,  agus  a'  searmonachadh  orra  fo  she  deug 
ceann,  ceann  air  son  gach  coise,  agus  caisteal 
na  h-uarach  aige  air  gach  ceann  ?  Theagamh 
gu'n  cluinnear  iomadh  rud  neonach  o  chub- 
aidean  an  diugh  fhathast  ach  tha  mi  an 
diiil  nach  cluinnear  stalcaireachd  de'n  seorsa 
so  bhuapa  co  dhiu.  Bha  na  beachdan  a  bha 
aca  mu  Fhacal  an  Tighearna  a'  toirt  air  na 
seann  diadhairean  a  shaoilsinn  gu  robh 
brigh  dhiomhair  agus  spioradail  anns  a  h-uile 
facal  de'n  Bhiobull,  co  air  bith  a  labhair  am 
facal,  Dia  no  duine,  naomh  no  peacach  ;  bha 
iad  an  diiil  gu  robh  beatha  do'n  anam  ri 
fhaotainn  ann  an  leabhar  Lebhiticus  cho 
cinnteach  's  a  tha  beatha  do'n  anam  ri 
fhaotainn  ann  an  litrichean  Phoil  ;  bha  iad 
an  diiil  gu  robh  a'  cheart  uiread  iighdarrais 
mar  fhacal  an  Tighearn  aig  na  caibidealan 
anns  a  bheil  cunntas  air  obair  goibhneachd 
is  saorsainneachd  na  pailliunn  's  a  tha  aig 
na  caibidealan  anns  am  faighear  teagasg 
Chriosd. 

Ciod  an  seorsa  searmonachaidh  as  buan- 
nachdaile  do  choimhthional  ?  Theirinn  gur 
e  searmonachadh  anns  a  bheil  spioradalachd, 
agus  searmonachadh  a  tha  air  a  tharruing 
as  a'  Bhiobull.  Ach  tha  e  air  a  radh  nach 
cluinnear  an  seorsa  searmonachaidh  sin  cho 
trie  anns  na  h-eaglaisean  an  diugh  's  a 
chluimiear  seorsachan  eile. 

Tha  iomadh  aobhar  a'  comh-oibreachadh 
maille  ri  cheile  gus  spioradalachd  a  chall 
ach  is  e  an  t-aobhar  sonraichte  nach  'eil 
searmonaichean  na's  spioradaile  'n  an 
teagasg  na  tha  iad,  gu  bheil  eagal  orra  an 
cridheachan  fhosgladh  an  lathair  dhaoine 
eile  agus  innseadh  dhaibh  ciod  a  dh'  fhios- 
raich  agus  a  dh'  fhairich  iad  fhein  mu  na 
nithean  air  am  bi  iad  a'  bruidhinn.  Neo-ar- 
thaing  nach  innis  iad  gu  h-6rdail  ealanta 
ciod  a  dh'  fhiosraich  agus  a  dh'  fhairich 
Pol,  agus  Augustine,  agus  Iain  Wesley,  agus 
daoine  eile,  ach  innsidh  iad  e  mar  naidheachd 
a  leugh  no  chual  iad,  agus  chan  abair  iad  aon 
diog  mu  am  fiosrachradh  agus  am  faireach- 
adh  fein.  Chan  abrainn  searmonaiche  maith 
no  searmonaiche  spioradail  ri  searmonaiche 
de'n  t-seorsa  sin. 

Bho  chionn  beagan  bhliadhnachan  thainig 
da  bhoirionnach  de  'n  t-seorsa  ris  an  abrar 
Pilgrims    do    'n    sgu-eachd    so    a    chumail 


6 


AIG  AN  UINNEIG— DORLACH  SIL 


coinneamhan  soisgeulach.  Bha  baigh  agam 
ris  na  boirionnaich  a  chionn  gu  robh  iad 
eudmhor  anns  an  t-soisgeul,  is  chaidh  mi  do 
na  coinneamhan.  Bha  te  dhiubh  a  bha  maith 
air  labhairt  agus  te  nach  robh,  ach  cha  robh 
uair  a  dh'  eirich  an  te  nach  robh  maith  air 
bruidhinn  'n  a  seasamh  nach  d'  innis  i  ann 
an  doigh  chiuin  shimphdh  an  t-aoibhneas 
agus  an  t-sith  a  fhuair  i  o'n  la  anns  an  do 
chreid  i  ann  an  cumhachd  an  t-Slanuigheir, 
agus  an  do  ghabh  i  le  h-uile  chridhe  ri  tairgse 
an  t-soisgeil.  Cha  robh  a'  bheag  de  sgoil  no 
de  eolas  aice,  ach  air  a  shon  sin  rinn  i 
driiidheadh  air  mo  chridhe  nach  h-urrainn 
mi  innseadh,  oir  thug  i  seachad  fianuis  air 
na  nithean  a  dh'  fhiosraich  i  'n  a  h-anam 
fein.  Agus  is  e  sin  an  seorsa  searmonachaidh 
a  tha  buannachdail  do'n  luchd-eisdeachd. 
Theagamh  gu  bheil  so  air  uairean  air  a 
dheanamh  ann  an  doigh  nach  'eil  freagarrach 
no  iriosal,  ach  mur  bheil  searmonaiche  a' 
toirt  do  choimhthional  fhianuis  no  fhios- 
rachadh  fein  chan  'eil  ann  ach  umha  a  ni 
fuaim  no  ciombal  a  ni  gleangarsaich.  Is 
beag  am  feum  ged  labhradh  e  gu  f ileanta 
agus  gu  h-6rdail  mu  eachdraidh  chloinn 
Israeli,  no  ged  dh'  innseadh  e  mu  na  Phair- 
isich  agus  na  Sadusaich,  mur  cuidich  e  le 
daoine  an  rathad  f haotainn  gu  Dia,  tobar 
na  beatha  agus  na  slainte. 


Chan  'eil  moladh  as  airde  air  searmon- 
aiche na  gu  bheil  e  eolach  air  litir  a'  Bhiobuill, 
agus  gaolach  air  a  theagasg,  agus  gu  bheil 
ealadhain  aige  air  a'  Bhiobull  fhosgladh  do 
dhaoine  eile  air  chor  agus  gu'n  cluinn  iad 
ann  guth  a  tha  a'  labhairt  ri  'n  coguis.  Tha 
an  guth  sin  ri  chluinntinn  anns  a'  Bhiobull 
agus  leanaidh  am  Biobull  air  labhairt  ri 
cridheachan  agus  coguisean  dhaoine  gu 
deireadh  an  t-saoghail. 

Chan  ann  gus  a  bheachdan  fhein  a  thoirt 
seachad  air  uile  chiiisean  an  t-saoghail  a 
tha  ministear  air  a  chur  suas  ann  an  cubaid 
ach  gus  trend  Dhe  a  bheathachadh  le  aran 
na  beatha.  Mar  sin  tha  e  glic  dha  leantuinn 
dluth  ris  a'  Bhiobull,  agus  a  shearmoin  a 
lionadh  le  briathran  agus  smuaintean  a' 
Bhiobuill.  Dh'  fhalbh  na  laithean  anns 
am  biodh  daoine  a'  dol  do  'n  eaglais  air 
sgath  an  fhasain  ;  na  tha  a'  dol  innte  an 
diugh  tha  iad  a'  dol  innte  a  dh'  iarraidh 
rud-eigin,  a  dh'  iarraidh  facal  a  bheath- 
aicheas  an  anam,  agus  chan  'eil  seorsa  eile 
searmonachaidh  a  bheathaicheas  an  t-anam 
mar  a  ni  an  searmonachadji  a  tha  air  a 
steidheachadh  air  a'  Bhiobull,  agus  a  tha 
air  a  lionadh  le  litir  agus  le  spiorad  a' 
Bhiobuill. 


D6rlach  Sil 


SIN  an  t-ainm  a  thug  an  t-Ollamh  Mac  Gill- 
eathain  nach  maireann  do  leabhar  anns  do 
chruinnich  e  searmoin  a  bha  air  an  sgriobh- 
adh  le  ministearan  de'n  eaglais  Shaoir,  ach 
chan  ann  as  na  searmoin  sin  a  tha  mi  a  dol' 
a  thoirt  dorlach  sil  an  drasd  ach  as  na 
sgriobhaidhean  aig  Martainn  Luther.  Tha 
eadhon  an  sbruileach  a  thuiteadh  o  bhord 
Luther  na  's  fhearr  na'n  t-aran  slan  aig 
daoine  eile. 

Ann  an  aon  aite  tha  e  ag  radh  gur  e  na 
deuchainnean  agus  na  buairidhean  a  thainig 
chuige  a  rinn  cho  eolach  anns  a'  Bhiobull  e 
's  a  bha  e.  "  Thug  iad  orm,"  ars  esan, 
"  cladhach  domhain  anns  an  Fhirinn  :  gun 
dragh  cha  tuig  neach  air  bith  an  sgriobtur. 
Bha  dragh  agus  deuchainnean  gu  leoir  agam- 
sa  ;  bha  am  Papa,  agus  na  h-oilthighean, 
agus  daoine  ionnsaichte,  agus  an  Diabhol 
fein,  uile  'nam  aghaidh,  is  chuir  sin  a  dh' 
ionnsuidh  a'  Bhiobuill  mi." 

An  uair  a  chuir  duine-eigin  a'  cheist  air 
Augustine,  c'aite  an  robh  Dia  m'an  do  rinn 
e  neamh  thubhatrt  Augustine  gu  robh  e  ann 
fein.  Chuir  duine  air  chor-eigin  a'  cheart 
cheist  so  air  Luther,  ach  b'e  an  fhreagairt  a 


thug  esan,  "  Bha  e  a'  deanamh  deas  ifrinn 
air  son  peasain  dhalma  mar  tha  thu  fein." 
An  sin  chaidh  e  air  aghaidh  gu  bhi  labhairt 
air  morachd  Dhe  agus  nadur  Dhe.  "  Tha 
Dia,"  ars  esan,  "  anns  a  h-uile  aite  agus  chan 
'eil  e  ann  an  aite  idir  ;  tha  e  eu-comasach  do 
dhuine  beantail  ris  no  a  lorgachadh  an  taobh 
a  mach  d'a  fhacal.  Tha  Dia  ri  f haotainn 
far  an  do  gheall  e  fein  gu'm  faighteadh  e  ; 
fhuair  na  h-Iudhaich  ann  an  lerusalem  e, 
aig  cathair  na  trocair.  Tha  sinne  'g  a 
f haotainn  anns  a'  Bhiobull,  anns  na  sacra- 
maidean,  agus  ann  an  urnuigh,  ach  'n  a 
bhith  agus  'n  a  nadur  agus  'na  mhorachd 
fein  CO  a  ruigeas  air  no  a  thuigeas  e  ?  " 

"M'an  do  thionndaidh  mi  an  Tiomnadh 
Nuadh  as  a'  Ghreigis  bha  an  sluagh  'g  a  ionn- 
drainn  agus  'ga  iarraidh  ach  a'  cheart  cho 
luath  's  a  thug  mi  dhaibh  e  'n  an  cainnt  fein 
dh'  fhas  iad  coma  dheth.  Dh'  fhas  iad  suarr- 
ach  uime  agus  dh'  iarr  iad  leabhraichean 
Mhaois ;  thug  mi  dhaibh  leabhraichean 
Mhaois  ach  ann  an  tiine  ghoirid  dh'  fhas  iad 
sgith  dhiubhsan.  An  sin  mhiannaich  iad  na 
sailm  fhaotainn  ;  thug  mi  dhaibh  na  sailm 
ach  dh'  fhas  iad  sgith  de  na  sailm  cuideachd. 


DORLACH  SIL— DUINE-UASAL 


Sin  mar  tha  muinntir  an  t-saoghail :  chan  f  han 
iad  air  anaon  chiirsa  fada  ;  tha  iad  daonnan 
ag  iarraidh  nithean  tira." 

"  Ma  bu  nihaith  leat  fearg  no  carraid  a 
chur  air  an  Diabhol  chan  'eil  agad  ach  tois- 
eachadh  air  Criosd  a  shearmonachadh  agus  a 
mholadh.  Tha  ainm  milis  losa  mar  gu'm 
biodh  droch  aileadh  ann  an  cuinnlein  an 
Diabhoil :  chan  urrainn  e  fantuinn  fo  na 
h-aon  sparran  ri  losa.  Chan  'eil  spiorad  eile 
anns  a'  chruthachadh  cho  carach  no  cho 
mealltach  ris  an  Diabhol ;  thig  e  gu  daoine 
ann  am  mile  cruth,  ach  daonnan  air  dhroch 
thurus.  Air  uairean,  an  uair  a  dh'  fhairt- 
lich  e  orm  teicheadh  a  chur  air  leis  an  sgriob- 
tur  thoisich  mi  air  magadh  a  dheanamh  air, 
ag  rkdh.  ris,  A  Shatain  bheannaichte,  nach 
dean  thusa  iirmiigh  air  mo  shon  ri  Dia  ?  An 
raoir  agus  mi  air  dtisgadh  as  mo  chadal 
thainig  an  Diabhol  chugam  is  thuirt  e  rium, 
'  Tha  Dia  fada  bhuait  agus  cha  chluinn  e  d' 
iirnuigh.'  '  Mur  cluinn,'  thubhairt  mise  ris 
'  glaodhaidh  mi  na's  airde.'  " 

"  Is  iad  so  na  t^lantan  a  tha  feumail  do 
shearmonaiche  maith  a  bhi  aige  gu  nadurra  ; 
a  bhi  ordail  'n  a  sheanchas  ;  a  bhi  deas  agus 
geur  'na  fhacal  ;  a  bhi  maith  air  bruidhinn  ; 
guth  maith  a  bhi  aige  ;  a  bhi  soilleir  'n  a  inn- 
tinn  fhein  ciod  a  tha  e  a'  creidsinn  ;  agus  a 
bhi  coma  ged  bhiodh  an  saoghal  a'  deanamh 
t^ir  air  agus  a'  magadh." 

B'abhaist  do  Luther  a  bhi  ag  radh  gu  robh 
searmonaiche  nach  leanadh  ris  a'  cheann- 
teagaisg  ach  a  bhiodh  a'  bruidhinn  air 
fichead  cuspair  anns  an  aon  searmon  coltach 
ri  cti  a'  comhartaich  ris  a'  ghealaich. 


An  uair  a  bhiodh  a  chridhe  trom  no  fo 
thrioblaid  cha  b'  urrainn  Luther  fantuinn 
leis  fhein  :  dh'  fheumadh  e  seanchas  a  dhean- 
amh ri  cuid-eigin,  ged  b'e  paisde  a  thachradh 
air.  "  Seach  a  bhi  a'm'  onrachd,"  thubhairt 
e,  "an  uair  a  thig  amhghar  chugam,  b'  fhe^rr 
learn  ruith  a  mach  agus  dol  am  measg  nam 
muc  fhein.  Tha  cridhe  mhic  an  duine  mar 
gu'm  biodh  clach-mhuilinn  :  ma  chuireas  tu 
cruithneachd  foidhpe  bidh  an  cruithneachd 
air  a  bhleith  agus  air  a  dheanamh  'n  a  mhin 
mhin  ;  mur  cuir  thu  cruithneachd  foidhpe 
theid  a'  chlach-mhuilinn  mu'n  cuairt  mar  bha 
i  a'  deanamh,  ach  an  aite  bleith  a  dheanamh 
tha  i  'g  acosg  fhein.  Is  ann  mar  sin  a  tha 
cr  dhe  mhic  an  duine  :  mur  bheil  an  cridhe 
air  a  lionadh  le  smuaintean  agus  ruintean 
ceart  gheibh  an  diabhol  cothrom  air  dol  a 
steach  do'n  aite  a  tha  falamh  agus  bheir  e 
leis  feachd-uamhasash  de  dhroch  smuaintean 
agus  de  bhuairidhean,  nithean  a  chnamhas 
agus  a  chosgas  an  cridhe." 

Ged  bha  Luther  'n  a  sgoilear  maith,  agus 
ged  chuir  e  seachad  a  bheatha  a'  craobh- 
sgaoileadh  soluis  agus  saorsa,  cha  robh  e  an 
diiil  gu  robh  e  maith  do'n  t-saoghal  uiread 
leabhraichean  a  bhi  air  an  sgriobhadh.  Ach 
ciod  a  theireadh  e  na'm  faiceadh  e  leabh- 
raichean an  Ik  diugh  ?  Bhiodh  e  ag  radh  gu 
robh  lionmhorachd  nan  leabhraichean  a' 
cumail  dhaoine  o  bhi  leughadh  a'  Bhiobuill, 
an  aon  leabhar  a  bu  choir  a  bhi  ann  an 
lamhan  dhaoine.  Bhiodh  e  ag  radh  cuideachd 
gu  robh  fiabhrus-sgriobhaidh  a'  tighinn  air 
daoine  mar  ghalairean  eile,  air  a  thogail  ann 
an  cuid  le  gloir-mhiann,  ann  an  cuid  eile  le 
amaideas,  ann  an  cuid  eile  le  g-aol  an  airgid. 


Duine-Uasal 

Le  Sedladair,  an  Tobar-mhoire 


THEIREADH  luchd  nan  eileanan  uau- 
"  duin-uasal  "  ri  Gall  air  bith  a  thigeadh 
an  rathad,  gu  h-araidh  ma  bha  airgiod  aige. 
Gun  teagamh  bha  cuid  a  thoill  an  t-ainm 
sin, — ach  bha  cuid  air  a  chaochladh. 

Air  a'  bhliadhna  a  chaidh  seachad  chaoch- 
ail  uachdaran  Ceann-a-Tuath  na  Hearadh, 
Sir  Samuel  Scott.  Bho  chionn  iomadh 
bliadhna  bha  an  oighreachd  sin  aig  na 
Scotaich,  agus  ma  thainig  teaghlach  riamh 
a  deas  air  Peairt  ris  an  canadh  tu  daoin- 
uaisle  b'e  iad  fhein.  Bho  nach  d'  fhag  Sir 
Samuel  oighre  dhligheach  'n  a  dheidh  tha  i 
a  nis  an  lamhan  luchd- malairt,  agus  is  mor 
am  beud  sin  do  na  Hearadh. 

Ri  linn  athar,  Sir  Edward,  chaill  na 
Scarpaich  bliadhna  an  tarbh  agus  an  crodh 
air  a'mhointich.  Cha  robh  airgiod  aca  agus 
cha  robh  e  furasda  tarbh  eile  fhaighinn  aig 
an   km   sin   a   bhliadhna.     Bha    a    chrodh- 


bainne  fhein  aig  Sir  Edward  an  Abhuinn- 
suidhe  le  tarbh  'n  an  cois,  agus  theann  na 
Scarpaich  air  dol  suas  leis  a'  chrodh. 

Latha  bha  so  thachair  gun  robh  an  t-uach- 
daran  agus  an  geamair  ah*  taobh  beinne, 
agus  suil  dha'n  tug  iad  bha  dithis  suas  an 
ceum  le  mart. 

"  Co,"  arsa  an  t-uachdaran,"  tha  sud  le 
boin,  no  c'^ite  bheil  iad  a'  dol  leatha  ?  " 

"  Tha,"  arsa  an  geamair,  "  Scarpaich  ; 
tha  iad  a'  dol  leatha  far  nach  robh  sinne  air 
a  shon  dhaibh  chun  an  tairh  agaibh-se." 

"  Chun  an  tairbh  agam-sa !  Car  son  tha 
iad  a'  dol  chun  an  tairbh  agam-sa  ?  Bheil 
tarbh  idir  aca- fhein?" 

"  Chan  'eil,"  fhreagair  an  geamair,  "  chaill 
iad  e  bho  thainig  an  samhradh." 

"  0  seadh,"  arsa  Sir  Edward.  "  An  uair 
theid  thusa  dhachaidh  an  nochd  iarraidh 
tu  air  fear  de  na  gillean  a  dhol  moch  maduinn 


DUINE-UASAL— MARBHRANN  DO  LEANABH 


am  maireach  gu  Caolas  an  Scarpa,  agus 
abraidh  e  riutha  gu'm  bheil  mise  air  son 
dithis  aca  fhaicinn  anns  a'  chaisteal." 

Rinneadh  sud.  Thagh  na  Scarpaich 
dithis  bhodach  gu  dol  air  beulaibh  an 
uachdarain,  co-dhiu  is  math  no  olc  a  bha  's 
a'  chilis.  Rainig  iad  shuas  agus  thugadh 
a  steach  iad  do  sheomar  beag,  seasgair, 
far  nach  robh  duine  ach  e  fhein.  Shuidh 
iad  agus  ghabh  e  naidheachd  an  aite  agus 
nan  daoine  gu  socair,  doigheil,  iriosal. 
"  Chuala  mi  gun  do  chaill  sibh  an  tarbh," 
thuirt  e  an  ceann  greise.  "  Chaill,"  arsa 
fear  de  na  bodaich,  "  chaill,  agus  theann 
sinn  ri  tighinn  leis  a'  chrodh  chun  an  tairbh 
agaibh-se." 

Dh'eirich  an  duine  coir  gu  bord  ;  sgriobh 
e  ntir  agus  dhuin  e  i.  "  Theirigibh,"  arsa 
esan,  "  a  dh'iarraidh  tairbh  far  an  togair 
sibh,  an  uair  a  thogras  sibh,  agus  p^ighidh 
so  e." 

Ghabh  e  slan  leotha,  agus  thill  na  fir 
dhachaidh. 

Chuala  iad  gu'n  robh  tarbh  eireachdail 
aig  fear-tac  an  Leodhas,  a  bha  e  a'  cumail 


gu  sealladh  a  chur  air  an  4ite.  Dhednaich 
iad  dol  far  an  robh  e. 

"  De,"  arsa  fear-a'bhaile,  "  chuir  an  rathad 
sibh  ?  " 

"  Chuala  sinn,"  arsa  na  fir,  "  gu'n  robh 
tarbh  agaibh  'g  a  reic  agus  thainig  sinn  g' 
a  cheannach." 

"  Tha  tarbh  agam-sa  gun  teagamh," 
thuirt  e,  "  ach  chan  e  sibh-se  a  ruigeas-a-leas 
tighinn  g'  a  cheannach." 

"  An  robh  sibh,"  arsa  iad-san,  "  an  dull 
an  tarbh  a  reic  ?  " 

"  Bha  ;  bha  dull  agam  an  tarbh  a  reic, 
ach  cha  b'  ann  ri  bhur  leithidse." 

"  Am  fear  a  chuir  sinne  air  toir  tairbh 
thuirt  e  ruinn  gu'n  ceannaicheadh  sud  e," 
arsa  an  Scarpach  agus  e  a'toirt  seachad 
na  litreach. 

Chuir  am  bodach  air  na  gloineachan ; 
dh'fhosgail  e  an  litir  agus  thug  e  greis  mus 
do  thog  e  a  shuil  dhith.  Thog  e  sin  a  cheann 
agus  sheall  e  orra  fo  na  gruigean — "  Muire, 
sibh  a  dh'fhaodadh  a  radh  gu'n  ceannaich- 
eadh sibh  an  tarbh  !    Thugaibh\leibh-h  e." 

Chaidh  na  fir  dhachaidh  leis  air  thaod. 


Marbhrann  do  Leanabh 


(Bha  an  Cumha  so  air  a  dheanamh  leis  an  Urramach  D.  W.  MacCoinnich, 
ministear  Bharraidh,  an  uair  a  chual  e  gu  'n  do  shiubhail  balach  beag  a  bha 
anns  an  sgoil-Shabaid  aige.      Cha  robh  Mgr  MacCoinnich  aig  an  tigh  aig  an  am, 
oir  tha  e  'n  a  mhinistear-feachd  air  a'  mhuir.) 
THAINIG  am  bas  gun  chuireadh  Shaoil  mi  gu'n  d'  fhuair  mi  solus 

is  chuireadh  leis  lus  gu  lax  ;  air  doimhneachd  domhain  an  t-saoghail ; 

Ailleagan  cubhraidh  cuimir,  Ar  leam  nach  fhairicheamaid  sonas 

an  lili  aig  toisech  fhais  ;  gun  dolas  trie  bhi  'n  a  luib  ; 

Blathan  bu  ghrinne  cumadh,  'S  cha  luachmhor  leinne  an  solus 

mo  nuar !   nach  d'  fhuirich  thu  slan.  mur  b'  e  gu'n  robh  'n  duibhre  d'a  chionn. 


Thug  naidheachd  do  bhais  orm  smaointinn 

air  cor  an  duine  's  a  chas  ; 
Cho  beag  's  tha  aige  dhe  'n  t-saoghal 

a  gheibh  e  gu  saor  gun  spairn  ; 
'S  nuair  a  gheibh  e  a  mhiann  thig  caochladh 

air  a  mhaoin  is  'earras  'n  a  laimh. 

Bheachdaich  mi  greis  air  a'  ghrinneas 
a  theicheas  ro  chabhagach  bhuainn  ; 

Neo-mhaireannach  ceol  air  a  bhinnead, 
neo-sheasmhach  mais'  air  a  buaidh  ; 

'S  tha  uair  a'  bhoidhchead  na's  giorra 
na  bruadair  duine  'n  a  shuain. 

Is  breacan  nan  iomadh  datha 

ar  beatha  an  tir  nam  bed  ; 
Tha  dubh  agus  geal  ma  seaoh  ann, 

tha  aiteas  ann  mar  ris  a'  bhron  ; 
'S  tha  beatha  is  bas  ri  carraid 

's  ri  gleac  le  cheile  gach  16. 
Mar  sin  rinn  thu  rathad  reidh 

tre  dhuthaich  dhorcha  a'  bhais  ; 
'S  bho  'n  a  nochd  Thu  air  thalamh  speis   • 

do  leanabain  neochiontach  tlath  ; 


Cha  b'  annas  leinn  bristeadh  na  faire 
mur  leanadh  e  duibhre  na  h-oidhch  ; 

Bu  shuarach  leinn  solus  na  gealaich 
na'm  fanadh  i  'n  comhnuidh  leinn  ; 

'S  chan  fhaiceamaid  gloir  an  Earraich 

gun  Gheamhradh  greannach  'n  ar  cuimhn'. 

.  0  Thusa  a  choisich  am  f asach 
o  Nazaret  suas  chon  a'  Bheinn  ; 

A  dh'  fhuiling  an  iomadh  amhghar, 

's  a  chunnaic  an  spairn  bh'  aig  do  chloinn  ; 

Dhearbh  Thu  seasmhachd  do  n^duir 
'n  uair  sharuicheadh  Thu  air  a'  chrann. 

Doruinn  an  t-saoghail  luaineach 

ghluais  Thu  sileadh  nan  deur  ; 
Ach  riamh  cha  do  bhristeadh  le  cruadhchas 

an  Spiorad  uasal  'n  a  chleibh  ; 
Bas  cha  d'  fhuair  ort  a'  bhuaidh, 

's  cha  d'  thug  an  uaigh  Thu  fo  gheill. 

Is  cinnteach  nach  f4g  Thu  leis  fhein 
an  leanabh  a  ghairm  Thu  cho  trath 

Gu  aros  do  naomh  theach  fein^         ...     . . 
's  gu'n  coinnich  thu  thall  e  le  f^ilt.  _:. 


Aireamh  12 


1944 


Aran  Na  Beatha 


Searmon-comanachaidh  leis  an  Urramach  Calum  MacLeoid,  M.A.,  Sgire  Bhoth- 
chuidir.  Bha  an  searmon  air  a  liubhairt  ann  an  Eaglais  Ctiirt  a'  Chruin  an 
Lunnainn  air  an  dara  sabaid  de  October  so  chaidh. 

Gabhaibh,  ithibh,  is  e  so  mo  chorp-sa  a  tha  air  a  bhnseadh  air  bhur  son-se,  dean 
aibh  so  mar  chuimhneachan  ormsa.  — •/  Cor.  xi.  24. 


IS  iomadh  rud  a  ni  duine  a'  chilis  as  aonais. 
Fhuair  sinn  sin  a  mach.  ri  linn  a'  chogaidh. 
Tha  moran  nithean  ann  air  an  robh  sinn 
eadhon  cleachte  ach  a  ni  sinn  a'  chilis  gle 
mhaith  as  an  aonais.  Fhuair  sinn  a  mach 
ri  linn  cogaidh  gum  bheil  fichead  rud  ann  a 
tha  sinn  pailt  cho  maith  as  an  aonais  's 
ged  bhiodh  iad  againn. 

Tha  rudan  eile  ann  a  tha  feumail  agus 
goireasach  dhuinn,  ach  a  ni  sinn  a'  chuis 
as  an  aonais  ged  bhios  sinn  'gan  ionndrainn. 

Ach'  tha  aon  rud  ann  nach  dean  duine 
bed  a'  chilis  as  aonais.  Is  e  sin  biadh  is 
deoch.  Cha  tig  duine  beo  gun  bhiadh.  So 
an  t-aon  ni  feumail  nach  urrainn  daoine 
tighinn  beo  as  aonais — am  biadh.  Agus 
tha  Criosd  a'  leigeil  fhaicinn  dhuinn  tre'n 
chuirm  naoimh  so  gum  bheil  esan  mar  am 
biadh,  gur  e  fein  am  biadh — aran  na  beatha — 
agus  mar  sin  nach  tigear  beo  as  aonais-san 
nas  mo  na  thigear  as  aonais  a'  bhidh. 
"  Gabhaibh,  ithibh,"  tha  e  ag  radh,  "  is  e 
so  mo  chorp-sa  a  tha  air  a  bhriseadh  air 
bhur  son-se  ;  deanaibh  so  mar  chuimh- 
neachan ormsa."  Tha  Criosd  a'  leigeil 
fhaicinn  sa'  chuirm  so  gum  bheil  esan  mar 
am  biadh — nach  tigear  beo  as  aonais.  "  Is 
mise  aran  na  beatha,"  deir  an  Tighearna. 
Tha  an  Slanuighear  beannaichte  a'  toirt 
dhuinn  an  t-aon  ni  tha  feumail  agus  nach 
tig  sinn-  beo  as  aonais — aran  na  beatha. 
Agus  is  e  fein  an  t-aran  sin.  "  Gabhaibh, 
ithibh,  is  e  so  mo  chorp-sa  a  tha  air  a 
bhriseadh  air  bhur  son-se,  deanaibh  so  mar 
chuimhneachan  ormsa." 

Tha,  ma  tha,  an  fheill  naomh  so — sacra- 
maid  na  suipeir — mar  shamhla  is  mar 
chuimhneachan  air  fein,  ag  cur  an  ceill  nach 
urrainn  dhuinn  a  bhith  beo  gun  esan  a 
bhith  againn  mar  Shlanuighear  is  ro.ar 
bheathachadh  do  ar  n-anam.  Is  esan  am 
biadh  a  tha  aig  a'  chuirm  so  ;  agus  is  esan 
a  tha  an  ceann  a'  bhuird  a'  riaghladh  na 
cuirme,  agus  ag  radh  :  "  Gabhaibh,  ithibh, 
is  e  so  mo  chorp-sa  a  tha  air  a  bhriseadh 
air  bhur  son-se.     Is  mise  aran  na  beatha." 


A  rithis,  aig  cuirm  tha  conaltradh  is 
coibhneas  is  caidreamh,  agus  tha  sin  aig 
a'  chuirm  naoimh  so — sinne  ag  eisdeachd 
ri  ciod  a  tha  aig  an  Tighearna  ri  radh  ruinn  ; 
agus  sinn  a'  labhairt  gu  diomhair  ri  Fear-ar- 
graidh  aig  a  bhord  fhein.  Bha  an  seanfhacal 
ag  radh  :  Chan  fhiach  cuirm  gun  a  comh- 
radh.  Agus  tha  sin  an  cois  a'  bheathach- 
aidh  a  tha  an  so— comhradh  blath  blasda 
eadar  e  fhein  agus  na  h-aoighean  aig  a' 
bhord.  "  Gabhaibh,  ithibh,"  tha  e  ag  radh 
riutha,  "  is  e  so  mo  chorp-sa  a  tha  air  a 
bhriseadh  air  bhur  son-se  ;  gabhaibh  ithibh 
is  mise   biadh  bhur  n-anama." 

I.    A  nis,  tha  biadh  ri  a  chosnadh  mus 
ithear  e. 

Tha  talamh  ri  a  ^iteach  agus  ri  threabhadh, 
agus  mas  e  seann  talamh  a  th'  ann  chan 
ann  as  fhusa  a  threabhadh,  no  aiteach,  idir. 
Tha  saothair  ri  dheanamh  ris  an  talamh 
mus  fhaighear  biadh  as.  Tha  siol  ri  chiu- 
ann,  agus  tha  an  talamh  ri  a  ghiullachd  an 
deidh  sin  mus  toir  e  toradh  a  mach.  Tha 
am  foghar  ri  a  thional  agus  ri  chur  fo  dhion. 
Tha  so  ri  dheanamh  iomadach  uatr  ri  fuachd 
is  annlas,  agus  teas  agus  ri  amhghar.  Chan 
ann  gun  saothair  a  choisnear  an  t-aran  agus 
am  biadh.  Chan  ann  idir  gun  saothair 
agus  gun  fhulangas  a  choisnear  biadh  as 
an  talamh.  Agus  tha  biadh  eile  ann  a  tha 
a'  beathachadh  an  duine  mar  an  t-aran — 
agus  is  ann  tre  shaothair  agus  tre  amhghar 
a  choisnear  e — tre  shaothair  agus  tre  amh- 
ghar agus  tre  fhulangas  do  Dhia. 

Mas  e  spreidh  a  thatar  ag  arach  air  son 
bidh,  tha  saothair  is  obair  'n  an  cois.  Co- 
dhiiibh  is  e  crodh  no  caoirich  a  thatar  a' 
togail  air  son  bidh  tha  obair  is  dragh  ann  a 
bhith  sealltainn  as  an  deidh  gus  an  tig  iad 
gu  ire  a  bhith  feumail  air  son  bidh. 

Mas  e  iasg  na  fairge  e,  tha  saothair  is 
fuachd  is  annlas  ann  iomadach  uair  mun 
glacar  e.  Tha  iomadach  uair  cunnart  agus 
gabhadh  ann  a  bhith  glacadh  iasg  na  fairge 
air  son  bidh.  Is  minic  a  chaill  fear  a 
bheatha  ann  a  bhith  cosnadh  iasg  na  fairge. 


ARAN  NA  BEATHA 


Agus  ann  a  bhith,  cbsnadh  a  bhidh  spiora- 
dail  a  tha  an  so — ann  an  losa  Criosd  a  bhith 
'na  bheathachadh  do  dhaoine,  bha  saothair 
is  fulangas  is  amhghar.  Dh'  fhag  esan 
sonas  is  suaibhneas  na  gloire,  agus  ghabh 
e  air  fein  nadur  an  duine.  Dh'  fhag  esan 
sonas  gloire  an  Athar,  agus  thainig  e  dh' 
ionnsaigh  saoghal  peacach  agus  caillte  chum 
's  gum  biodh  e  'na  bhiadh  agus  'na  bheath- 
achadh do  anamaibh  dhaoine.  Dh'  fhuiling 
e  am  bas  air  a'  chrann  chum  's  gum  biodh  e 
'na  aran  na  beatha  do  dhaoine.  "  Gabhaibh, 
ithibh,  is  e  so  mo  chorp-sa  a  tha  air  a  bhri- 
seadh  air  bhur  son-se."  Choisinn  esan  aran 
na  beatha  do  dhaoine  tre  bhas  maslach  a' 
chroinn-cheusaidh.  Is  e  fhein  an  t-aran  so 
a  tha  air  a  bhriseadh  air  bhur  son-se,  dean- 
aibh  so  mar  chuimhneachan  air-san — am 
biadh  spioradail  nach  tig  sinn  bed  as  aonais, 
agus  a  chaidh  a  chosnadh  air  ar  son. 

n.    Tha,  a  rithis,  am  biadh  ri  a 
dheasachadh 

Mus  deanar  aran  de'n  arbhar  tha  e  ri  a 
bhualadh.  Feumar  an  gran  a  dhealachadh 
bho'n  chonnlaich  le  bruthadh  no  le  bualadh. 
Feumar  cuideachd  an  gran  a  chruadh- 
achadh  ;  feumaidh  e  bhith  air  a  thireadh, 
agus  air  a  bhleith,  mus  fuinear  e,  agus  mus 
bruichear  e,  agus  mus  bi  e  ullamh  chum 
ithe.  Tha  am  biadh  ri  dheasachadh  mus 
deanar  feum  dheth. 

Tha  feoil  ri  a  marbhadh  agus  ri  a  h- 
ullachadh  mus  deanar  feum  dhith  mar 
bhiadh.  Tha  iasg  ri  a  dheasachadh  mus 
ithear  e.  Tha  gach  gne  bidh  ri  uUachadh 
agus  ri  dheasachadh  mus  ithear  e.  Thainig 
losa  Criosd  do'n  t-saoghal-sa  chum  gum 
bitheadh  e  'na  bhiadh  agus  'na  bheath- 
achadh do  chlann  nan  daoine.  Bha  e  air 
ullachadh  agus  air  a  dheasachadh  mar  aran 
na  beatha  le  bhith  air  a  bhualadh  agus  air 
a  bhruthadh.  "  Lotadh  e  air  son  ar  pea- 
caidh-ne,  bhruthadh  e  air  son  ar  n-aingidh- 
eachdan ;  leagadh  airsan  smachdachadh 
ar  sith,  agus  le  a  chreuchdan-san  shlanuich- 
eadh  sinne." 

Bha  losa  mar  so  air  a  dheasachadh  gu 
bhith  'na  aran  na  beatha  dhuinne,  le  a 
bhriathran  agus  le  a  mhiorbhuilean  air 
thalamh.  Bha  e  air  ullachadh  gu  bhith 
'na  bhiadh  do  ar  n-anama  le  a  fhulangas, 
agus  le  a  bhas  air  a'  chrann.  "  Gabhaibh 
ithibh,   is   e   so   mo    chorp-sa   a   tha   air   a 


bhriseadh  air  bhur  son-se,  deanaibh  so  mar 
chuimhneachan  ormsa."  Tha  am  biadh 
deasaichte. 

in.    Tha  am  biadh  ri  ghabhail 

Ged  bhiodh  am  biadh  air  a  chosnadh 
agus  air  a  dheasachadh  chan  'eil  feum 
sam  bith  ann  mura  gabhar  e.  Chan  'eil 
tairbhe  sam  bith  ann  am  biadh  do  neach 
mura  h-ith  e  dheth.  Faodar  am  biadh 
as  fhe^rr  a  chosnadh,  agus  ullachadh,  agus 
a  dheagh  dheasachadh,  ach  mura  gabh 
duine  dheth  chan  'eil  feum  sam  bith  ann 
do'n  duine  sin.  Faodaidh  e  dhol  bas  leis 
an  acras  mura  gabh  e  am  biadh  a  chaidh 
a  chosnadh,  agus  a  dheasachadh  dha.  Tha 
cuid  mar  sin  a'  dol  aog  a  chionn  nach  gabh 
iad  ri  Criosd,  aran  na  beatha.  Troimhe-san 
agus  ann-san  tha  biadh  an  anama  air  a 
chosnadh  agus  air  a  dheasachadh,  agus  ge 
b'e  neach  a  ghabhas  ris-san  bidh  e  air  a 
bheathachadh.  Cha  bhi  agras  air  am  feasd. 
Agus  thubhairt  losa  riu  :  "Is  mise  aran 
na  beatha  :  an  ti  a  thig  do  m'  ionnsaigh-sa 
cha  bhi  ocras  gu  brath  air  ;  agus  an  ti  a 
chreideas  annam-sa  cha  bhi  tart  gu  brath 
air." 

A  chairdean  caomha,  is  e  Criosd  aran  na 
beatha  ;  agus  is  e  so  an  t-aran  air  am 
bheil  sinn  air  ar  beathachadh  sa'  chuirm 
naoimh  so,  a  tha  sinn  ag  cumail  an  so  an 
diugh.  "  Gabhaibh,  ithibh,  is  e  so  mo 
chorp-sa  a  tha  air  a  bhriseadh  air  bhur 
son-se,  deanaibh  so  mar  chuimhneachan 
ormsa." 

Tha  beathachadh,  agus  neartachadh,  anns 
an  aran  so — ann  an  Criosd,  Fear-ar-graidh- 
ne.  Tha  s^sachadh  agus  solas  ann.  Tha 
aoibhneas  do-labhairt  ann.  Tha  comanach- 
adh  agus  comh-chomunn  naomh  ann.  Tha 
gach  ni  a  tha  dhith  air  an  anam  ann.  An 
dubhairt  am  bard  diadhaidh  againn  fhein  : 

Tha  agam  ann  an  Criosd  na  tha  m'  anam 
bochd   ag   iarraidh, 
'S    chan    abair    mi    gu    siorruidh    nach 
leor  e  ; 
Tha  an  t-uisge  dol  'na  fhion  ann,  tha  mil 
is  bainne  is  biadh  ann, 
Tha  cridhealas  is  fialachd  is  ceol  ann. 

"  Gabhaibh,  ithibh,  is  e  so  mo  chorp-sa  a 
tha  air  a  bhriseadh  air  bhur  son-se,  deanaibh 
so    mar    chuimhneachan    ormsa." 

Amen. 


A'  toirt  breith  air  an  aimsir  so 

Leis  an    Urramach   Aonghus  P.  Mac-ari-  Fhleisdeir,  Sgibinnis,  an  Cinntire. 

CHUALAS  an  uiridh  fear  a  bha  leth-cheud     leth-cheud  bliadhna  riamh  roimhe  bho  am 
bliadhna  'n  a  mhinistear  ag  radh  nach  robh      an  Tiomnaidh  Nuaidh  anns  an  do  thachair 


"A'  TOIRT  BREITH  AIR  AN  AIMSIR  SO  " 


am  meud  de  atharraichean  cho  mor  's  an 
t-saoghal.  Air  cho  mor  's  a  bha  na  h- 
atharrachaidhean  anns  na  h-amannan  ris 
an  abrar  an  t-Ath-ionnsachadh  agus  an 
t-Ath-leasachadh,  ceithir  no  coig  ceud 
bliadhna  roimhe  so,  cha  robh  iad  sin  idir  cho 
mor  ris  anatharrachadh  a  thachair  'na  linn 
fhein.  Ged  a  tha  sin  fior,  is  coltach  nach 
'eil  na  h-atharrachidhean  ach  direach  a' 
toiseachadh.  Is  iomadh  caochladh  a  thig 
air  an  t-saoghal  's  an  Hnn  so  fhathasd.  An 
teid  againn  air  fios  sam  bith  fhaotainn 
roimh-laimh  air  na  nithean  sin,  agus  am 
bheil  dleasanas  againn  d'  an  taobh  ? 

Tha  sinn  gach  latha  a'  bruidhinn  air  an 
aimsir,  "  De  an  t-sid'  a  bhitheas  againn 
am  maireach  ?  "  "  Bithidh  latha  fhuch 
ann,"  no  "  Bithidh  e  blath  "  ;  agus  tha  an 
Soisgeul  a  reir  Lucais  (Lucas  xii.  54-57)  ag 
innseadh  dhuinn  gu  'n  dubhairt  losa  ris  an 
t-sluagh,  gu  'n  robh  iad  a'  tuigsinn  comharran 
nan  speur,  agus  gu  'm  bu  choir  dhaibh  mar 
sin  cuideachd  comharran  eile  a  thuigsinn, 
agus  cor  an  t-saoghail  aithneachadh.  "  Is 
aithne  dhuibh  breith  a  thoirt  air  aghaidh 
nan  speur,  agus  na  talmhainn  ;  ach  cionnus 
nach  'eil  sibh  a'  toirt  breith  air  an  aimsir  so  ? 
Agus  car  son  nach  'eil  sibh  eadhon  uaibh 
fein  a'  breithneachadh  an  ni  sin  a  tha 
ceart  ?  " 

An  teid  againn  air  sin  a  dheanamh  ?  Ciod 
iad  na  h-atharrachaidhean  a  tha  tighinn  air 
an  t-saoghal  ?  Gu  sonruichte,  ciod  iad  na 
h-atharrachaidhean  a  tha  tighinn  air  a' 
Ghaidhealtachd  ?  Ciod  a  bhitheas,  agus 
ciod  nach  bi  ceart  ? 

Fasachadh  na  tire 

Tha  a'  chuid  as  motha  de  'n  Ghaidh- 
ealtachd air  a  fasachadh.  Dh'  fhalbh 
luchd-aiteachaidh  nan  gleann  thar  chuan 
do  thirean  cein.  Chaill  am  fearann  fhein  a 
bhrigh  agus  a  shugh.  Dh'  ith  na  caoraich 
suas  feur  agus  lusan  nan  sleibhtean  gus  nach 
'eil  a  nis  ach  a  h-aon  diubh  fein  ag  ionaltradh 
far  am  b'  abhaist  do  thri  bhi  ann.  Mhill  na 
bataichean-sgriobaidh  moran  de  'n  iasgair- 
eachd  anns  a'  chuan.  Shaoil  sinn  gu  'n 
robh  gu  leoir  de  dh'  uisge  againn  co  dhiubh, 
agus  nach  sanntaicheadh  duine  sam  bith 
na  frasan  a  tha  tuiteam  air  monaidhean  na 
Gaidhealtachd,  ach  tha  moran  de  chumh- 
achd-uisge  Tir  nam  Beann  cheana  air  a 
thoirt  air  falbh.  Tha  a'  Bhuidheann  Ghram- 
pianach  fo  chionn  bhliadhnaichean  a'  cur 
corr  agus  100,000,000  "  units  "  de  chunh- 
achd-uisge  no  dealan-uisge  air  falbh  do  'n 
Ghalltachd  gach  bhadhna.  An  "  unit,"  is 
e    sin    cumhachd    mile    "  uadaichean "    ag 


oibreachadh  fad  aon  uair.  Is  e  746  "  udaich- 
ean  "  cumhachd  aon  eich  (746  watts — 1 
H.P.).  Mar  sin,  tha  tri  "  units  "  mar  obair 
ceithir  eich  mora  ag  oibreachadh  tri  fichead 
mionaid.  Tha  100,000,000  "units"  a'  dol 
do  'n  Ghalltachd !  Is  iomadh  creach  a  thog 
na  Gaidheil  air  Machair  Alba,  ach  c'uin  a 
thog  iad  creach  mar  sin  ? 

Ma  dh'  fhaoidhte  nach  bu  choir  dhuinn 
a  bhi  bruidhinn  mar  sin.  Cha  robh  duine 
sam  bith  a'  deanamh  feuma  de  'n  chumhachd- 
uisge  sin  roimhe.  Tha  e  moran  na  b'  fhearr 
gu  bheil  feum  air  choireigin  'g  a  dheanamh 
dheth  a  nis  na  gu  'm  bitheadh  e  gun  mhath 
sam  bith  idir.  Dh'  fhaoideadh  gu  'm  bu 
choir  dhuinn  bhi  toilichte  gu  bheil  ar  luchd- 
daimh  air  Machair  Alba  agus  ar  cairdean 
an  Sasunn  'g  a  uisneachadh,  ma  dh'  fhagas 
iad  am  meud  de  'n  chumhachd-uisge  againn 
agus  a  dh'  fhoghaineas  obair  a  thoirt  do 
mhuinntir  na  Gaidhealtachd  gun  iad  a  dol 
do  'n  Ghalltachd  no  do  thirean  chein  'g  a 
h-iarraidh,  agus  tighean  matha  le  goireasan 
an  latha  'n  diugh  a  thoirt  dhaibh  'n  an 
diithaich  fein.  Cha  bhitheadh  ann  ach 
ceartas  sin  iarraidh  air  ar  luchd-riaghlaidh. 
Bu  choir  do  luchd-aiteachaidh  na  Gaidh- 
ealtachd agus  nan  Innseanan  moran  tuilleadh 
na  sin  fhaotainn,  ach  tha  e  coltach  nach 
faigh  iad  sin*  fein,  mur  tagair  Eaglais  na 
h-Alba  an  cuis,  agus  mur  duisg  an  Eaglais 
coguisean  dhaoine  air  feadh  na  rioghachd, 

Ach  ma  chumar  cuid  mhor  de  'n  chumh- 
achd-uisge 's  a'  Ghaidhealtachd  chum  obair 
a  dheanamh  'n  ar  diithaich  fhein,  c6  an 
dream  a  bhitheas  deanamh  feuma  dheth  ? 
An  e  muinntir  na  Gaidhealtachd  agus 
Gaidheil  a  thig  air  ais  bho  na  bailtean  mora 
agus  bho  tirean  cein  ?  Bu  mhath  le  feadh- 
ainn  tighinn  air  ais  nam  faigheadh  iad 
iad  cothrom  cosnadh  math  fhaotainn  'n 
an  duthaich  fhein. — No  an  e  sluagh  coimh- 
each  a  bhitheas  ag  aiteachadh  Tir  nam 
Beann  anns  na  hnntean  a  tha  tighinn  ? 

Muilnean  dubha 

Ceist  eile,  am  faod  a'  Ghaidhealtachd  bhi 
air  a  h-aiteachadh  a  rithisd  gun  na  tighean- 
ceairde  gruamach  agus  na  muilleanan  tiamh- 
aidh  agus  an  daorsa  tuarasdalach  a  mhill 
Tir  nan  GaU  1 

Ma  tha  e  'n  comas  do  dhuine  sam  bith 
bhi  'g  r^dh  ri  fear  eile,  "  Dean  mar  a  dh' 
iarras  mise  ort,  air  neo  bithidh  tu  gun 
teachd-an-tir  idir  ach  deirc  " — ach  'eU  sin 
daorsa  ? — daorsa  tuarasdalach,  "  wage- 
slavery  "  mar  a  their  iad  's  a'  Bheurla. 
Sgriobh  an  t-Abstol  Pol  chum  nan  seirbh- 
iseach  an  Ephesus.     (B'  iad  sin  na  traillean 


A'  TOIRT  BREITH  AIR  AN  AIMSIR  SO 


a  dh'  fhaodadh  bhi  air  an  reic  agus  air  an 
ceannach  mar  chaora.)  Thubhairt  e  riu, 
iad  a  bhi  "  le  deagh  thoil  a'  deanamh  seir- 
bhis,  raar  do  'n  Tighearna,  agus  chan  ann 
do  dhaoinibh.  "  Is  coltach  gu  'n,  robh 
an  t-Abstol  a'  smuaineachadh  air  tuath- 
anachd,  no  banas-tighe,  no  a  leithid  sin  de 
dh'  obair,  a  tha  feumail  do  dhaoine  agus 
taitneach  do  Dhia  ;  ach  ciod  a  theireadh  e, 
nan  tugadh  droch  mhaighsteir  ordugh  do 
'n  t-seirbhiseach,  traill  eile  a  sgiiirsadh, 
no  droch  ordugh  air  choreigin  eile  a  chur 
an  gniomh  ?  Sannt  agus  feinealachd  nam 
maighstearan,  ma  's  ann  do  na  droch  nithean 
sin  a  tha  iad  a'  deanamh  seirbhis,  ciamar 
is  urrainn  do  dhaoine  bhi  umhail  do  bhriath- 
ran  an  Abstoil  "  Ge  b'  e  ni  a  ni  sibh,  deanaibh 
na  h-uUe  nithe  chum  gloire  Dhe  "  ? 

Tha  miltean  agus  miltean  anns  na  bailtean 
mora  a'  cur  seachad  an  laithean  aig  obair 
anns  nach  'eil  e  'n  comas  tlachd  a  ghabhail, 
obair  nach  urrainn  daibh  dheanamh  chum 
gloire  Dhe,  mar  sheirbhis  do  'n  Tighearna. 
Is  e  sin  daorsa  tuarasdalach.  Chan  iongan- 
tach  ged  a  tha  misgearachd  agus  struidh- 


ealachd  agus  iomadh  amaideachd  eile  cum- 
anta  'n  am  measg. 

So,  ma  ta,  tri  ceisdean — Am  faod  cumh- 
achd-uisge  na  G^idhealtachd  bhi  uile  air 
a  chur  gu  buil  's  a'  Ghaidhealtachd  fein  1 
Am  faodar  sin  a  dheanamh  gun  sluagh 
coimheach  a  thoirt  a  stigh  :  Agus  am  faod 
an  cumhachd  sin  bhi  air  a  chur  gu  deagh 
bhuil  gun  an  daorsa  tuarasdalach  agus  na 
muileanan  tiamhaidh  a  bhi  againn  cuid- 
eachd  ? 

Is  cinnteach  gu  'm  faod.  Thg-  iomadh 
obair,  buannachail  do  na  h-oibrichean, 
agus  chum  maith  dhaoine  eile  agus  chum 
gloire  Dhe,  a  dh'  fhaodadh  a  bhi  air  a 
ghabhail  os  laimh  'n  ar  dtithaich,  ach  cha 
deanar  sin  mur  h-eil  e  run  suidhichte  nan 
Gaidheal  fein,  agus  mur"  bi  muinntir  Chrios- 
dail  "  a  toirt  breth  air  an  aimsir  so,  agus 
uatha  fein  '  a  breithneachadh  an  ni  sin 
a  tha  ceart.'  "  Mur  dean  iad  sin,  is  coltach 
gu  'n  creachar  agus  fasaichear  a'  Ghaidh- 
ealtachd ni  's  mo  na  bha  i  air  a  creachadh 
agus  air  a  fasachadh  riamh  roimhe. 


Am  BiobuU  teaghlaich 

Le  Niall  Mac-an-Tuairneir,   F.R.H.8.,  Loch  Portain. 


BHO  chionn  moran  bhliadhnaichean  bha, 
ann  an  ce^rna  araidh  de  'n  Ghaidhealtachd 
fear  is  bean-phosda  bha  air  teachd  a  dh' 
ionnsuidh  fior  shean  aois,  ann  an  seilbh  air 
tomhas  cuimseach  de  mhaoin  an  t-saoghail 
so,  iomchuidh  gu  'n  coimhead  bho  gach 
gainne  agus  uireasbhuidh  ;  agus  bha  aca, 
mar  an  ceudna  aon  nighean,  ainnir  cho 
ailhdh  's  air  do  dhearc  siiil  riamh,  agus  ro 
ghealltannach  air  a  bhi  'n  a  h-aoibhneas  agus 
'n  a  cul-taic  d'a  parantan  'n  an  sean  aois. 

Bha  fleasgach  og  deagh-bheusach  de 
thuathanach  's  a'  choimhearsnachd  a  chinn 
air  gaol  a  thoirt  do  'n  ghruagaich  eireachdail 
so  ;  agus  an  ceann  uine  ghearr,  dh'  inntrinn 
iad  air  daimh  a'  phosaidh,  an  deidh  do  'n 
t-seana  charaid  an  Ian  aontachadh  a  thoirt 
gu  'm  biodh  an  t-snaim  sin  air  a  cur  eatorra 
naoh  robh  gu  bhi  air  a  fuasgladh  ach  le 
laimh  fhuar  a'  bhais. 

Am  beagan  uine  bha  an  t-seana  mhuinntir 
air  an  gearradh  sios  le  speal  a'  bhais,  agus 
an  duslach  air  a  ghiulan  a  dh'  ionnsuidh 
tigh  tosdach  na  h-uaighe. 

Air  do  'n  tuathanach  og  cunntas  mhaith 
fhaotaum  air  an  duthaich  mhaith  sin  thar 
a'  chuain  agus  air  dha  na  h-uile  ni  a  reic  air 
nach  robh  feum  aige,  thrus  e  na  h-uile  ni 
b'  urrainn  da  smuaineachadh  a  bhiodh 
feumail  's  an  duthaich  chein  a  dh'  ionnsuidh 


an  robh  e  triall.  Air  do  chuid  eile  de  a 
luchd-dvithcha  a  bhi  togarrach  air  tir  am 
breith  a  threigsinn,  thog  iad  orra  gu  teachd 
maille  ris  a  charaid  oig  gu  America. 

Air  doibh  beagan  airgid  a  thoirt  leo,  cha 
robh  iad  so  mar  bha  aireamh  mhor  do  'n 
luchd-duthcha  aig  an -am  ud  a'  teachd  gu 
cladaichean  America  gun  airgiod,  gun  or, 
gun  chairdean  ;  ach  gu  sona  solasach,  le 
'n  cridheachan  Ian  de  dhochais  dhealasach 
^rd. 

B'  e  a'  cheud  ni  a  rinn  iad  an  deidh  an 
cois  a  shocrachadh  air  corsa  tir-mor  Amer- 
ica, an  seana  BhiobiUl  mor  eireachdail  a 
bha  aig  an  athraichean  's  na  bliadhnaichean 
a  dh'  f halbh  fhosgladh  suas,  chum  cuibhrionn 
a  leughadh  dheth,  agus  iobairt  a'  mholaidh 
's  a  bhreith-bhuidheachais  iocadh  do  Dhia 
air  son  dion  agus  coimhead  a  Fhreasdail 
mu  'n  timchioll  air  uchd  a'  chuain  mhoir 
's  air  son  an  toirt  gu  tearuinnte  do  'n  chala 
bu  mhiannach  leo. 

Mar  is  i  a'  chrioch  araidh  a  bha  aig  an 
tuathanach  og  so  ann  an  teachd  do  America 
an  tuathanachas  a  leantuinn,  an  deidh  dha 
seilbh-fhearainn  a  cheannach,  cha  d'  fhan 
e  ach  iiine  ghearr  anns  a'  bhaile-mhor  far 
an  d'  thainig  e  gu  tir  ;  agus  mar  a  rinn  each 
d'a  luchd-turuis  suas  an  inntinn  a  thaobh 
an  dreuchd  's  a'  ghairm  fa  leth  a  bha  iad 


AM  BIOBULL  TEAGHLAICH 


gu  leantuinii,  ghabh  e  slan  leo  ;  agus  le 
cridhe  sunndach  aigeantach  chuir  e  aghaidh 
ri  ^ird  dol  fodha  na  greine. 

An  cois  na  h-aibhne 

Mu  'n  am  so,  bha  lionmtorachd  sloigh 
a'  domhlachadh  gu  Indiana ;  agus  air  do 
'n  duine  og  so  a  chluinntinn  mu  'n  fhearann 
mhaith  is  shaor  a  bha  's  a'  chearna-sa, 
runaich  e  socrachadh  an  so.  Thog  e  fearann 
uime  sin  an  cois  abhuinn  "  Wabash  "  ;  agus 
air  dha  luach  leth  an  fhearainn  a  phaigheadh 
thug  e  geall-diolaidh  air  son  an  iomlan  a 
bhi  paighte  an  ceann  bliadiLna. 

Air  dha  nis  an  t-aite  a  stocachadh,  agus 
am  por  a  chur  's  an  talamh,  dh'  fheith  e  nis 
gu  foighidneach  gus  an  tigeadh  an  t-am 
anns  am  feudadh  e  dol  a  mach  a  dh'  abachadh 
luach  a  shaothair  's  an  fhogharadh.  Ach, 
mo  thruaighe  leir !  chunnaic  am  Freasdal 
iomchuidh  nach  faiceadh  esan  cinneas  fhear- 
ainn no  luach  a  shaothair.  Bhuail  fiabhrus 
marbhtach  na  dtithcha  e  ;  agus  nuair  a  bha 
na  h-achaidhean  air  an  comhdachadh  le 
arbhar  a  bha  cosmhuil  ri  saothair  an  tuath- 
anaich  ath-dhioladh  iomadh-fillte  thainig 
am  bas  gu  ghairm  air  falbh  ;  agus  dh' 
fhagadh  a  bhean  'n  a '  banntraich,  agus  an 
t-aon  leanaban  a  bh'  aca  'n  a  dhilleachdan. 

Cha  leudaich  mi  ni  's  fhaide  air  a'  bhe^rna 
a  rinn  am  Freasdal  air  an  teaghlach  bheag  so, 
ach  theid  sinn  air  ar  n-adheart  gu  beachdach- 
adh  air  na  deuchainnean  's  na  cruaidh- 
chasan  a  choinnich  a'  bhanntrach  bhochd 
an  ath  bhliadhna  an  deidh  so. 

Air  do  'n  am  a  nis  a  bhi  aig  laimh  anns  am 
feumadh  an  geall-diolaidh  a  bhi  air  fhuas- 
gladh,  thog  i  an  t-airgiod  an  coingheall  bho 
choimhearsnach  a  bha  ro  chaoimhneil  d'a 
fear-posda  nach  maireann,  agus  di  fein — ■ 
neach  a  shuidh  a  ris  agus  a  ris  maille  ri  fear- 
a-gr4idh,  agus  i  fein  aig  bord  comanachaidh, 
chum  cuimhne  a  chumail  air  gradh  an  Fhir- 
Shaoraidh.  Is  cruaidh  agus  is  foighidneach 
a  shaoithrich  i  chum  an  t-iomlan  de  na 
fiachan  a  bh'  onre  a  phaigheadh  aig  an  am 
a  gheall  i ;  ach  d'  fhairthch  cuisean  oirre  : 
bha  gnothuichean  a'  dol  'n  a  h-aghaidh  ; 
agus  mu  dheireadh  cha  b'  urrainn  i  cumail 
suas  fodh  gach  trioblaid  is  deuchainn  a  bha 
teachd  'n  a  caraibh. 

Le  cridhe  briste  Ian  dolais,  thug  i  seachad 
am  fearann  's  an  stoc  air  son  suim  na  bu 
lugha  na  bha  aice  r'a  phaigheadh  d'a  coimh- 
earsnach,  nach  robh  toilichte  le  so  ach  a 
thug  ordugh  gu  'm  biodh  airneis  a  tighe  air 
a  reic. 

Air  an  t-Sabaid  roimh  latha  an  ruip, 
ghlac  i  misneach  is  neart,  bho  chinnt  a  bhi 
aice  nach  d'  rinn  i  cron  no  eucoir  do  neach 


fo  'n  ghrein.  Chaidh  i  suas  do  thigh  an 
Tighearna,  agus  le  cridhe  Ian  de  ghradh  's 
de  irioslachd  thaom  i  mach  a  h-anam  ann 
an  lathair  a  Ti  sin  aig  a'  bheil  a  chluas 
fosgailte  ri  osnaich  nam  bochd  's  na  feumach  ; 
agus  air  di  sacramaid  na  suipearach  a  ghabh- 
ail  maille  ri  'coimhearsnach  mar  bu  ghnath 
leatha,  dh'  imich  i  dh'  ionnsuidh  a  dachaidh, 
a  bha  air  f^s  ro-aonaranach  chianail. 

Cha  mhor,  a  nis,  nach  do  dhibir  a  misneach 
i,  ach  air  di  siiil  a  thoirt  air  an  t-seana 
Bhiobull-teaghlaich,  le  urram  naomh  agus 
le  suil  is  cridhe  togta  suas  gu  neamh  chrom 
i  a  ghlun  agus  dh'  iarr  i  o  gheallanna  priseil 
a'  Bhiobuill  an  solas  agus  an  comhfhurtachd 
a  tha  e  comasach  a  thoirt  do  'n  anam  sgith. 
Ruith  a  nis  na  deoir  sios  gu  frasach  o  a 
siiilean,  mar  a  bha  a  h-anam  Ian  de  aoibhneas 
thar  labhairt,  agus  Ian  de  ghloir. 

An  la  brdnach 

Thainig  a  nis  an  latha  air  an  robh  na  bha 
aig  a'  bhanntraich  bhochd  ud  gu  bhi  air  a 
reic  do  'n  neach  a  bheireadh  an  tairg'se 
a  b'  airde.  Gun  mhonmhur,  gun  ghearan, 
chunnaic  i  gach  ball  de  'n  eairneis  air  a 
chur  suas  's  an  ruip,  gus  an  do  thog  am 
maor-siorraim  suas  'n  a  14imh  am  BiobuU 
teaghlaich.  Thog  so  reachd  'n  a  cliabh  agus 
mhothaich  i  a  cridhe  an  impis  bristeadh. 
Cha  b'  urrainn  i  cumail  oirre  fein  ni  b'  fhaide. 
Ruith  a  nis  na  deoir  gheura  sios  gu  frasach. 
o  suilean.  Dh'  asluich  i  de  'n  mhaor  gu 
'n  gleidheadh  e  an  cuimhneachan  so  air 
a  parantan  gradhach  nach  bu  mhaireann. 
Bha  am  maor  toileach  gu  a  h-iarrtas  a 
thoirt  di ;  ach  thubhairt  am  fear-fiacha 
ain-iochdmhor  gu  'm  feumadh  na  h'uile 
maoin  a  bhi  air  a  reic,  a  chionn  's  gu  robh 
rim  suidhichte  aige  a  chuid  fein  fhaotuinn 
gus  an  fheoirling  mu  dheireadh. 

Bha  an  leabhar  a  nis  air  a  chur  suas, 
agus  gu  bhi  air  a  thoirt  seachad  air  beagan 
thasdanan  nuair  a  ghlac  i  e  bho  laimh  a' 
mhaoir  agus  ag  radh  gu  'm  feumadh  i 
cuimhneachan  a  bhi  aice  air  a  mhuinntir  a 
dh'  fhalbh  'sab'  ionmhuinn  leatha  ;  agus 
bhris  i  an  snathain  a  bha  a'  ceangal  comhdach 
eudaich  an  leabhair,  le  rim  so  a  ghleidheadh 
gu  ciiramach.  Thuit  comhdach  an  leabhair 
'n  a  lamhan,  agus  air  a  thasgadh  suas  ann 
bha  da  chrioman  de  phaipeir  salach. 

Ghabh  i  mor  iongantas  ri  so  ;  agus  air 
dhi  sealltuinn  riu  le  ro-aire  ciod  a  nis  meud 
a  h-aoibhneis  nuair  a  leugh  i  gur  e  bha  annta 
d^  "  bhill  "  air  Banc  Shasuinn  air  son  mile 
punnd !  Air  cixl  aon  de  na  "  hilaichean  "  bha 
ann  an  l^mh  sgriobhaidh  a  m^thar  na 
briathran    a    leanas  : — "  Nuair    a    ghlacas 


6 


AM  BIOBULL  TEAGHLAICH 


trioblaid  thu  falbh  a  dh'  ionnsuidh  a'  Bhio- 
buill."  Agus  air  cul  a'  "  bhill  "  eile,  ann 
an  lamh-sgriobhaidha  h-athar — "  Tha  cluas 
t'  athar  a  ghnath  fosgailte." 

Chaidh  stad  a  chur  air'  an  rup  air  ball, 
agus  bha  am  BiobuU  teaghlaich  air  a  thoirt 
do  shealbadair.  Bha  an  eairneas  a  bha  air 
a  reic  air  a  thairgse  dhi  leis  an  luchd-cean- 
naich,  ni  a  ghabh  i  air-'ais  gu  taingell.  Air 
di  am  fear  fiach  an-iochdmhor,  cruaidh- 
chridheach,  a  phaigheadh  a  dh'  ionnsuidh 
an  sgillinn  mu  dheireadh,  agus  air  di  tigh 
beag  freagarrach  a  ghabhail  air  mhal, 
shocraich  i  an  t-iomlan  de  'n  airgiod  air 
dhoigh  's  gu  'm  faigheadh  i  riadh  iomchuidh 
gu  cumail  suas  gu  comhfhurtail. 

Thug  i  cothrom  do  'n  nigheanag  na  suil- 


ghuirm,  a  bha  air  a  f^gail  air  a  curam  le 
fear-a-graidh.  Thug  i  mach  chii  agus  fhuair 
i  onair. 

Anns  an  eaglais  bha  ri  'm  faicinn  am 
meadhon  an  ionad  aoraidh  ban-tighearna 
uasal  eireachdail  mu  dheich  bliadhna  fichead 
a  dh'  aois,  air  a  comhdach  le  eideadh  broin, 
le  eugas  anns  an  robh  maise  na  naomhachd 
ri  snamh  maille  ri  a  h-ighean  6g  snasmhor 
cKuteach.  Aig  tigh-osda  a'  bhaile  cheudna 
faic  duine  truagh  a  ghn^th  fo  bhuaidh 
mhilltich  na  dibhe-l^idir,  agus  an  cupan 
puinnseanta  n'a  bheul.  •  'S  i  bhanntrach  's 
a  h-ighean  tha  sud,  agus  's  e  'm  fear-fiacha 
an-iochdmhor  a  chitheadh  tu  air  co  beag 
ceill  ri  briiid  an  achaidh  air  lorg  buaidh 
na  dibhe-laidir. 


Cumhachdach  gu  tearnadh 


Le  bean 

DH'FHAIRTLICH  e  air  a  h-uile  duine; 
dh'  fhairtlich  e  air  Feachd  na  Slainte  fhein 
Bha  a  chridhe  cho  cruaidh  's  nach  robh 
suim  aige  d'a  thri  paisdean  lurach  a  bha 
gun  bhiadh,  gun  bhrogan,  air  chrith  le 
fuachd  is  acras.  Chuir  e  as  a  rathad  iad 
gu  suarach,  gun  smuain  aige  do  ni  fo  'n 
ghrein  ach  a  ghoile  mosach  fhein  ;  cha  robh 
dad  a'  ruith  'n  a  inntinn  ach  deoch. 

A  bhean  bhochd !  Bha  e  cruaidh  oirre-se 
an  uair  a  dh'  innis  iad  dhi  gu  robh  an  duine 
aice  air  a  thoirt  air  falbh  le  da  chonastabal. 
"  Bha  Tomas,"  ars  iadsan,  "  air  a  dhalladh 
leis  an  daoraich,  agus  a'  deanamh  aimh- 
reite  ;  cuiridh  iad  's  a'  phriosan  e  gun 
teagamh." 

"  Ma  chuireas,"  ars  ise,  "  gheibh  e  a 
bhiadh  co  dhiu,  agus  uihe  air  tighinn  thuige 
fhein.  O,  gu'n  deanadh  Dia  trocair  air' 
anam  ;  feumaidh  mi  a  bhi  ag  iirnuigh  air 
a  shon  gun  sgur." 

Cha  bu  lugha  na  boirionnach  maith,  aig 
an  robh  gras  Dhe  'n  a  cridhe,  a'  smuainich- 
eadh  air  sin  a  dheanamh  air  son  trusdair 
nach  robh  coibhneil  rithe,  agus  a  bhiodh 
air  uairean  'g  a  bualadh  ;  duine  mosach  a 
bhiodh  ag  radh  rithe  gu  trie  le  mionnan, 
"  As  mo  rathad." 

Mar  bu  mho  a  bhiodh  eagal  air  a  chloinn 
is  ann  bu  mhosaiche  a  bhiodh  e  riu,  ach 
bhiodh  am  mathair  a'  cur  na  cloinne  a' 
laighe  m'  an  tigeadh  e  dhachaidh  air  an 
daoraich,  air  eagal  gu'n  deanadh  e  cron 
orra. 

Cumhachd  an  t-Slanuigheir 

Ach  la  de  na  laithean  thainig  duiae  a  dh' 
ionnsuidh  an  doruis  le  sgeul  aoibhneach  ; 
thainig  e  a  dh'  innseadh  d'  a  mhnaoi  gu  robh 


gun  amm 

Tomas  air  iompachadh  anns  a'  phriosan. 
"  Thug  an  duine  agad,"  ars  esan,  "  a  chridhe 
do  Chriosd." 

"  0,  buidheachas  do  Dhia,"  ars'  a  bhean  ; 
"nach  mise  a  tha  sona!  " 

Cha  robh  e  furasda  Tomas  a  chosnadh  do 
Dhia.  Bha  moran  de  dhaoine  diadhaidh 
ag  iirnuigh  air  a  shon,  ach  bha  a  chridhe  cho 
cruaidh 's  gu'n  do  theab  eadhon  an  fheadhainn 
a  bu  laidire  creideamh  fannachadh,  oir  a 
reir  choslais  reic  an  duine  ud  e  fein  ris 
an  Diabhol,  corp  is  anam,  is  bhiodh  e  a' 
boihch  as. 

Ach  lean  na  br^ithrean  ud  air  urnuigh 
air  a  shon,  agus  mu  dheireadh  fhuair  iad 
cead  dol  'g  a  fhaicinn  do'n  phriosan.  An 
toiseach,  nuair  a  chaidh  iad  a  steach  far  an 
robh  e,  cha  sealladh  e  orra,  is  cha  fhreagradh 
e  iad  ach  le  mionnan. 

Mu  dheireadh  thaisich  urnuighean  is 
coibhneas  is  gr^dh  nam  braithrean  ud  a 
chridhe  cruaidh,  is  thubhairt  e  riu,  "  Car 
son  a  tha  sibh  a'  tighinn  thugamsa  ;  nach 
'eil  fhios  agaibh  gu  maith  nach  'eil  annam-sa 
ach  diu  nam  fear  ?  " 

"  Is  ann  air  son  do  leithid-sa,  a  Thomais, 
a  thainig  Criosd  do'n  t-saoghal  a  thoirt  suas 
a  bheatha  air  a'  chrann-cheusaidh.  Tha 
toil  aige  do  shaoradh,  is  tha  cumhachd  aige 
mar  an  ceudna,  ma  dh'  iarras  tu  air,  agus 
tha  sinne  ag  iirnuigh  air  do  shon." 

An  deidh  dhaibh  fhagail  thainig  na 
briathran  sin  air  ais  thuige,  is  cha  leigeadh 
iad  leis  cadal. 

Na  seann  laithean 

A  thuilleadh  air  sin  chuimhnich  e  air 
a  chloinn  a  bha  cho  neo-chiontach,  ach  ris 
nach  do  rinn  e  a  dhleasdanas,  is  bha  sin 


CUMHACHDACH  GU  TEARNADH 


a'  bioradh  a  choguis.  Thainig  dealbh  eile 
gu  inntinn, — caileag  bheag  a  bha  aig  fear 
an  tigh-osda, — chunnaic  e  i,  agus  i  ruiteach 
riomhach,  a'  tighinn  a  steach  do'n  t-seomar 
anns  an  robh  e  fein  ag  61,  a  phogadh  a 
h-athar  m'  an  rachadh  i  a  laighe.  Cha 
do  rinn  na  truaghain  aigesan  sin  riamh. 

"  0,  nach  mise  an  t-amadan,"  arsa  Tomas 
ris  fhein,  "  tha  m'  Ealag  bheag-sa  a  cheart 
cho  maith  ri  caileag  an  osdair  na'n  tug  mise 
cothrom  dhi.  Is  ann  le  m'  airgiod-sa  agus 
le  airgiod  amadana  eile  a  tha  an  t-6sdair  a' 
cur  aodach  riomhach  is  bl^th  air  a  chloinn 
fhein." 

Chuir  an  smuain  so  goin  'n  a  chridhe, 
agus  e  a'  sr^ideamachd  'n  a  chiiil  bhig 
chumhainn,  mar  neach  as  a  chiall.  Bha 
Spiorad  an  Tighearn  a'  dearbhadh  a  chiont 
air  agus  a  pheacaidhean  an-tromaichte  an 
aghaidh  Dhe.  Bha  e  a'  tuigsinn  a  nis  gur 
cruaidh    slighe    luchd-easaontais. 

An  ath  uair  a  thainig  an  caraid  ud  'g  a 
fhaicinn  bha  cridhe  Thomais  briste  bruite. 
Ri  taobh  an  stoil  thri-chasaich  a  bha  anns 
an  oisean  chaidh  iad  le  cheile  air  an  gluinean, 
agus  ghaodh  Tomas  an  eigin  anama,  "  A 
Dhe  cuidich  leam  ;  thoir  maitheanas  dhomh  ; 
tha  mi  ag  aideachadh  mo  chionta  gu  saor  ; 
dean  trocair  orm." 

An  sin  rinn  an  duine  Je  Dia  urnuigh  air 
a  shon,  "  Athair,  saor  an  t-anara  priseil  so 
air  sgath  Chriosd.  Dubh  as  a  chionta,  is 
thoir  cridhe  nuadh  dha  is  eolas  air  do  ghradh 
iongantach." 

An  sin  dh'  eirich  iad  bharr  an  gluinean,  is 
thubhairt  an  duine  le  Dia  ris,  "  A  Thomais, 
tha  Dia  an  so  maille  ruinn,  agus  tha  e  ag 
radh,  '  Ma  dh'  aidicheas  sinn  ar  peacaidhean 
tha  esan  firinneach  agus  ceart,  chum  ar 
peacaidhean  a  mhaitheadh  dhuinn,  agus  ar 
glanadh  o  gach  uile  neo-fhireantachd.'  " 

Geata  neimh 

Fhreagair   Dia   urnijigh   an   aithreachain. 


agus  an  sin  bha  am  priosan  dha  mar  gu'm 
biodh  e  ann  an  neamh.  Thainig  an  Tighearn 
losa  maille  ris,  ann  an  caomhalachd  a 
throcair  agus  a  ghraidh,  an  Tighearn  losa 
air  an  do  leagadh  aingidheachd  gach  aoin 
againn  (Isaiah  liii.  6),  Uan  Dhe  a  thug  air 
falbh  peacadh  an  t-saoghail  le  ghiiilan  air 
crann-ceusaidh    Chalbhari. 

Chuir  Dia  oran-molaidh  am  beut  Thomais, 
is  bha  aoibhneas  an  l^thair  ainglean  Dhe 
OS  cionn  a'  pheacaich  a  bha  air  a  thoirt  o 
bh^s  gu  beatha. 

Bha  a  bhean  a  nis  sona  ;  thug  i  Biobull 
thuige  anns  a'  phriosan,  is  bhiodh  e  'g  a 
leughadh  gun  sgur,  agus  ag  tirnuigh  agus 
a'  moladh  ainm  an  Tighearna. 

An  ceami  beagan  mhiosan  dh'  aidich  e  gu 
foUaiseach  gu  robh  e  air  iompachadh,  is 
thug  e  cliu  do'n  t-Slanuighear  a  shaor  e.  An 
uair  a  rinn  e  sin,  cha-mhor  gu  robh  siiil 
thioram  am  measg  na  bha  'g  a  eisdeachd,  oir 
b'  aithne  dhaibh  an  seorsa  duine  a  bha  ann, 
is  b'  abhaist  moran  dhiubh  a  bhi  ag  iirnuigh 
gu'm  biodh  e  air  a  thearnadh.  Agus  a  nis 
rinn  iad  gairdeachas  gu'n  d'  fhuair  am 
Buachaille  Maith  a'  chaora  a  bha  air  chall. 

Xa  M6r 

Shuidh  e  fhein  agus  a  bhean  comhla  aig 
bord  an  Tighearna,  agus  b'e  sin  an  la  mor. 
Bha  an  triuir  chloinne  m'  an  coinneamh  ann 
an  suidheachan  eile,  agus  an  aodainn  shona 
ag  innseadh  an  t-atharrachadh  mor  a 
thainig  air  an  dachaidh.  "  Tha  athair 
gaolach  againn  a  nis,"  ars'  iadsan,  mar  tha 
aig  cloinn  eile,  thug  losa  cridhe  nuadh  d' 
ar  n-athair,  is  tha  sinn  sona.  Am  faic  sibh 
ar  hrogan  ura  ? 

Chuala  mi  Tomas  a'  seinn  aon  oidhche, 

Nach  ann  agam-sa  tha  'n  caraid ! 

Caraid  caomh  a  shaor  mi, 
Innseam  cHii  is  gaol  mo  charaid 

Do  gach  neach  's  am  t-saoghal. 


Duine  diadhaidh 


C  aite  a  bheil  na  daoine  as  diadhaidhe  ri'm 
faotainn  an  diugh  ?  Tha  mi  an  dull  gu 
bheil  anns  na  h-Innsibh  an  Ear.  Tha  an 
diadhaidheachd  n^durra  do'n  kird  an  Ear  ; 
na'n  tigeadh  Criosd  air  ais  do'n  t-saoghal 
an  diugh  agus  gun  fhios  c6  e,  bhiodh  barrachd 
meas  air  anns  na  h-Innsibh  an  Ear  na  bhiodh 
air  ann  an  Dim-eideann. 

An  Lunnainn  no  an  Diin-eideann  tha  meas 
aca  air  daoine  mora  ;  daoine  aig  a  bheil  gloir 
agus  maoin  agus  greadhnachas  an  t-saoghail 
so,  agus  chan  'eil  meas  idir  aca  air  daoine  aig 
nach  'eil  aite  anns  an  leag  iad  an  ceann.   Ach 


anns  an  aird  an  Ear  tha  meas  aca,  fhathast 
air  daoine  aig  nach  'eil  inbhe  no  ionmhas 
anns  an  t-saoghal  so  ma  tha  choslas  orra  gu 
bheil  iad  a'  smachdachadh  na  feola.  Sin  na 
daoine  d'an  toirear  urram  anns  an  aird  an 
Ear,  daoine  a  thionndas  an  ctil  ris  an  t- 
saoghal,  agus  ri  gloir  an  t-saoghail,  agus  ri 
toil-inntinn  an  t-saoghail  chum  an  fheoil  a 
chiosnachadh  agus  co-chomunn  gun  sgur  a 
bhi  aca  ri  Dia. 

Bu  mhaith  leam  anns  an  aireamh  so  iom- 
radh  a  dheanamh  air  fear  de  na  daoine  sin, 
Sadhu   Sundar  Singh. 


DUINE  DIADHAIDH 


Tha  am  facal  Sadhu  a'  ciallachadh  duine 
naomh  ;  duine  nach  'eil  'n  a  shagart  ach  a 
tha  a'  sonrachadh.  le  a  shaor  thoil  fein  gun 
ni  air  thalamh  iarraidh  ach  a  mhain  buaidh 
air  an  t-saoghal  agus  air  an  fheoil.  Bho 
'oige  tha  an  Sadhu  'g  a  choisrigeadh  fein  do 
bheatha  na  diadhaidheachd ;  a'  briseadh 
gach  bann  a  tha  'g  a  cheangal  r'a  theaghlach 
no  ri  obair  an  t-saoghail ;  a'  cur  ciil  ri  gaol 
bhan,  is  posadh,  is  ctiram  teaghlaich,  agus  'g 
a  thabhairt  fein  gu  buileach  gus  cruadhas  is 
fuachd  is  acras  fhulang  air  ghaol  an  fheoil  a 
smachdachadh. 

Tha  na  miltean  de'n  t-seorsa  dhaoine  sin 
anns  na  h-Innsibh  an  Ear  ;  cuid  dhiubh 
maith  is  cuid  dhuibh  nach  'eil  maith  idir, 
ach  ged  nach  urrainnear  na  cleachdanna 
aca  a  mholadh  air  fad  tha  iad  a'  cumai 
cuimhne  air  aon  fhirinn  shonraichte  nach 
coir  do  Chriosduidh  air  bith  a  dhichuimh- 
neachadh,  an  fhirinn  so,  gu'm  feum  neach 
air  bith  a  theid  a  steach  do  rioghachd  Dhe 
e  fein  aicheadh. 

Rugadh  Sundar  Singh  anns  a'  bhliadhna 
1889.  Bha  athair  'n  a  uachdaran  fearainn 
agus  gu  maith  air  a  dhoigh  ;  ami'  an  laithean 
oige  bha  e  air  a  thogail  ann  an  sogh  is  comh- 
fhurtachd.  An  uair  a  bha  e  sia  bliadhna 
deug  bha  e  air  iompachadh  is  choisrig  e  a 
bheatha  do  sheirbhis  Chriosd.  Bha  e  searbh 
gu  leoir  le  athair  agus  le  chairdean  gu'n  do 
thionndaidh  e  air  falbh  o  chreideamh  aith- 
richean,  ach  an  uair  a  chual  iad  gu  robh  e  a 
dol  'n  a  Shadhu  Criosduidh,  no  'na  shois- 
geulaiche  gun  dachaidh,  shaoil  iad  gu  robh 
e  air  a  chiall  a  chall. 

Cha  ghabh  e  innseadh  na  dh'  fhuihng  am 
balach  6g  so  ann  an  tigh  athar  an  uair  a 
thoisich  e  air  gairm  Chriosd  a  fhreagairt. 
Tha  moran  de  na  briathran  a  bhios  sinn  a' 
leughadh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  nach  'eil 
a'  ciallachadh  dad  dhuinn,  a  chionn  nach 
aithne  dhuinn  na  deuchainnean  a  dh'  fhuiling 
na  ceud  Chriosduidhean,  briathran  mar  so, 
bithidh  fuaih  aig  na  h-uile  dhaoine  dhuibh  air 
sgath  m'  ainme-sa,  ach  b'  aithne  do  Shundar 
Singh  ciod  a  bha  iad  a'  ciallachadh  oir 
thionndaidh  a  dhaoine  fein  uile  'n  a  aghaidh 
mar  dhuine  a- thug  naire  is  masladh  air  a 
theaghlach.  Mu  dheireadh  chuir  iad  a 
mach  e  mar  gu'm  biodh  cii. 

Bha  e  duilich  dha  dealachadh  ri  theagh- 
lach agus  ri  gnaths  a  dhaoine,  ach  aon  uair 
's  'g  an  do  rinn  e  suas  inntinn  masladh  is 
geur-leanmhuinn  fhulang  air  sgath  Chriosd, 
bha  a  chridhe  air  a  lionadh  le  sith  Dhe. 
Chuir  e  uime  an  fhalluinn  bhuidhe,  an 
comharradh  a  tha  aca  anns  na  h-Innsibh 
gur  e  Sadhu  a  tha  anns  an  duine  air  a  bheil 
i,  is  chaidh  e  a  mach  air  a  thurus  soisgeul- 


ach.  Chaidh  e  mach  cas  -  ruisgte,  gun  air- 
giod  gun  mhaileid,  gun  dad  'n  a  laimb  ach 
an  Tiomnadh  Nuadh.  Ach  bha  an  Tighear- 
na  maille  ris  is  neartaich  e  e. 

Ged  nach  robh  ann  ach  am  balach  a 
thaobh  aoise  bha  eud  diadhaidh  nam  mar- 
tarach  'n  a  chridhe,  agus  thoisich  e  air  sear- 
monachadh  Chriosd  anns  a'  bhaile  anns  an 
do  rugadh  e,  ag  innseadh  dhaibh  mu'n  t- 
sonas  iir  a  f huair  e  tre  chreideamh  ann  an 
Criosd  agus  tre  a  thoil  a  lubadh  do  thoil  Dhe. 
O'n  bhaile  sin  chaidh  e  do  bhailtean  eile,  a' 
toirt  fianuis  d'a  luchd-duthcha  gur  e  Criosd 
cumhachd  Dhe  a  chum  slainte. 

Ann  an  cuid  de  na  h-aitean  anns  an 
deachaidh  e  bha  e  air  a  thoirmeasg  dha 
Criosd  a  shearmonachadh,  ach  a  dh'  aindeoin 
ciod  a  dheanteadh  air  cha  b'  urrainn  Sun- 
dar Singh  fantuinn  -'n  a  thosd,  gun  fianuis  a 
thogail  air  taobh  Chriosd.  Ann  an  Nepal 
chuireadh  ann  am  priosan  e,  ach  anns  a' 
phriosan  fhuair  e  cothrom  air  Criosd  a  shear- 
monachadh, is  chreid  cuid  de  na  priosanaich 
a  theachdaireachd.  An  uair  a  thainig  so  gu 
cluasan  an  luchd-riaghlaidh  bha  e  air  a  thoirt 
a  mach  gu  crois  a'  bhaile,  agus  air  a  riisgadh 
agus  air  a  sgiursadh.  An  sin  bha  dealachan 
air  an  tilgeil  air  a  chorp  riiisgte  gus  an  fhuil 
a  dheoghal  as.  Tha  na  laraichean  sin  'na 
chorp  fhathast  air  chor  agus  gu  bheil  e  a' 
giiilan  gu  Htireil  athailtean  an  Tighearn 
losa  'n  a  chorp.  An  toiseach  bha  muinntir 
a'  bhaile  a'  magadh  air,  a'  glaodhach  nach 
robh  ann  ach  cii  Criosduidh,  ach  an  uair  a 
chunnaic  iad  an  t-aoibhneas  a  bha  lasadh  'n 
a  aodann  a  chionn  gu'n  do  cheadaicheadh 
dha  fulang  air  sgath  Chriosd,  thainig  seorsa 
de  uam.hann  orra  is  leig  iad  as  e. 

Cha  mhor  gu  bheil  ^ite  air  an  t-saoghal 
anns  nach  do  shearmonaich  Sundar  Singh 
Criosd  ;  coltach  ri  Iain  Wesley  b'e  an  saoghal 
uile.  a  sgu-eachd.  Bha  e  ann  an  Tibet 
dh^  ni  tri  dh'  uairean  ;  bha  e  an  America, 
an  Astralia,  anns  an  Roinn-Eorpa.  "  Oidh- 
che  a  bha  mi  ag  urnuigh,"  ars  esan  "  thainig 
gairm  thug  am  dol  do  Shasunn  ;  ann  an 
Sasunn  bha  mi  sona  sona  ged  nach  'eil  a' 
ghrian  ri  fhaicinn  ann  ach  gle  bheag,  agus 
ged  tha  grian  na  fireantachd  air  a  muchadh 
ann." 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne  aig  ar  luchd- 
leughaidh  gu  maith  air  turusan  an  duine  so 
do  Shasunn  oir  bha  gu  leoir  uime  anns  na 
paipearan-naidheachd  aig  an  am. 

An  uair  mu  dheireadh  a  bha  e  ann  am 
Breatunn  bha  e  toUichte  faotainn  air  falbh 
dhachaidh ;  air  falbh  o'n  iipraid  agus  o'n 
driop  a  tha  do  na  daoine  againne  mar  anail 
am  beatha,  ach  a  bha  dhasan  'na  chuirig 
agus^'na  uallach. 


Aireamh  i 


1945 


Comanachadh  sona 


Le  Ministear  Gaidhealach 


THACHAIR  an  rud  so  a  tha  mi  dol  a  dh' 
innseadh  dhuibh  ann  an  Obar-Dheathain 
an  uair  a  bha  mi  'n  am  oileanach.  6g  anns 
a'  bhaile  sin.  Tha  cuimhne  agam  air  cho 
soilleir  an  diugh  fhathast  's  ged  b'  ann  an 
de  a  thachair  e.  Tha  nithean  sonruichte 
'n  ar  beatha  mar  sin  ;  tha  iad  air  an  deargadh 
air  clar  ar  cuimhne, — maith  dh'  fhaoidte 
aitean  maiseach  no  sealladh  iongantach  a 
chunnaic  sin  ;  air  neo  a'  cheud  uair  a 
thachair  sinn  air  an  fhear  no  air  an  te  air 
an  do  ghabh  sinn  gaol,  a  bha  air  an  luigh- 
easachadh  dhuinn  mar  ar  ceile-posda  ;  air 
neo  b^s  athar  no  mathar  no  bas  neach  eile 
a  ghradhaich  sinn  gu  mor.  Ni  na  nithean 
sin  greim  laidir  air  ar  cuimhne. 

Ach  bha  barrachd  buaidh  aig  an  fhiosrach- 
adh  sholuimte  a  bha  agam-sa  ann  an  Obar- 
Dheathain  air  mo  bheatha  na  b'  urrainn  a 
bhi  aig  gin  de  na  nithean  sin. 

Aig  an  km  bha  mi  anns  an  Ard-sgoil,  agus 
'n  a  dheidh  sin  bha  mi  dol  do'n  Oil-thigh,  a 
dh'  ullachadh  air  son  na  ministrealachd 
arms  an  eaglais  Chleireachail.  Bhithinn  a' 
dol  do'n  eaglais  a  h-uile  Sabaid,  is  bha  am 
ministear  coibhneil  rium  agus  suimeil  m'  am 
thimchioll.  Bhithinn  anns  an  eaglais  air 
d^  cheann  an  \k,  agus  anns  a'  choinneamh 
urnuigh  cuideachd  a  h-uile  oidhche  Di- 
ciadaoin. 

Cleachdaidhean  diadhaidh 

Ged  nach  robh  m'  inntinn  air  a  soillseach- 
adh  gu  slainteil  bha  mi  a'  gluasad  gu  cubhaidh 
mar  Chriosduidh  o'n  leth-a-muigh,  ag  urnuigh 
agus  a'  leughadh  a'  Bhiobuill  a  h-uile  la, 
agus  a'  gabhail  ri  teagasg  na  Firinn.  Bha 
na  cleachdaidhean  diadhaidh  sin  air  an 
teasgasg  dhomh  'n  am  oige. 

Ach  air  a  shon  sin,  bha  fhios  agam  gu 
robh  moran  a  dh'  easbhuidh  orm,  a  thaobh 
eolas  agus  fiosrachadh  spioradail ;  bha 
fhios  agam  gu  robh  mi  fada  air  m'  ais  an 
coimeas  ri  Criosduidhean  eile  a  b'  aithne 
dhomh  agus  air  an  robh  meas  agam.  Ach 
chuir  mi  romham  m'  aghaidh  a  chumail  air 
Dia  agus  am  beagan  soluis  a  bha  agam  a 
leantuinn. 

Feasgar  araidh,  agus  a'  choinneamh- 
tirnuigh  air  sgaoileadh,  thubhairt  am  minis- 
tear,  rium,  "  Alasdair,"  ars  esan,  "  bu  choir 


dhuit  a  bhi  smuaineachadh  air  suidhe  aig 
bord  an  Tighearna."  Thubhairt  e  gu'm 
b'e  sud  sochair  agus  dleasdanas  a  bhuineadh 
do  na  h-uile  leis  am  b'aill  Criosd  a  leantuinn. 
Thubhairt  mise  ris  nach  robh  mi  maith  gu 
leor,  agus  gu'm  feumainn  an  tuilleadh  grais 
a  bhi  agam  m'an  suidhinn  aig  bord-eoman- 
achaidh.  Ach  thubhairt  e  rium  nach  ann 
mar  dhuais  air  son  am  maitheis  no  an  airidh- 
eachd  a  bha  Dia  a'  toirt  na  sacramaid  naomh 
do  dhaoine  ach  mar  mheadhon  a  chuidicheas 
leo  fas  ann  an  gras  agus  ann  an  naomhachd. 

Cha  do  smuainich  mi  riamh  air  an  t- 
sacramaid  mar  sud,  is  chreid  mi  gu  robh  am 
ministear  ceart,  ged  bha  e  ann  am  inntinn 
aig  an  am  gur  ann  dhaibhsan  a  tha  cheana 
ann  an  staid  grMs  a  tha  bord  an  Tighearna 
'n  a  mheadhon-grais,  agus  nach  'eU  e, 
agus  nach  urrainn  e  bhith,  'n  a  mheadhon- 
te^rnaidh. 

Chuir  na  thubhairt  am  ministear  gu  geur- 
smuaiaeachadh  mi.  Na'n  do  cheasnaich  e 
mi  na  b'  fhaide  theagamh  nach  abradh  e 
na  thubhairt  e,  agus  gu'm  faiceadh  e  nach 
robh  annam  ach  peacach  caUlte,  aig  nach 
robh  an  creideamh  beo  sin  ann  an  Criosd  a 
shaoras  an  t-anam,  Ach  mo  thruaighe, 
"  Amhaircidh  an  duine  air  coslas  an  taobh- 
a-muigh." 

Ceist  a  thug  onn  clisgeadh 

Air  mo  rathad  dhachaidh  an  oidhche  ud 
sheas  mi  greis  ag  eisdeachd  ri  duine  a  bha  a' 
searmonachadh  air  an  t-sraid.  Tharruing 
fear-oibre  a  bha  'n  a  sheasamh  laimh  rium 
suas  ri  mo  thaobh  ;  chuir  e  a  lamh  gu 
samhach  air  mo  ghualainn,  is  dh'  fheoraich 
e  dhiom,  "  A  bheil  thu  air  do  shaoradh  ?  " 
Thug  ceist  an  duine  orm  cHsgeadh.  Cha  b' 
urrainn  mi  a  radh  gu'n  robh  ;  cha  robh 
fhios  agam  ciod  a  theirinn. 

Bhruidhinn  an  duine  rium  gu  coibhneil 
agus  gu  diirachdach,  ag  radh  rium  gu'n 
saoradh  Criosd  mi  ann  an  larach  nam  bonn 
na'n  sealluinn  ris  le  creideamh,  is  dh'  ear- 
alaich  e  orm  m'anam  earbsadh  ris  an  tim  agus 
an  siorruidheachd. 

Bha  mi  ag  radh  rium  fhein  gu  robh  moran 
ann  an  staid  grais  aig  nach  robh  dearbhachd 
gu'n  robh  iad  air  an  saoradh,  agus  co  dhiu 
gu'm  b'  fhearr  do  dhuine  a  bhi  eagalach  mu 


COMANACHADH  SONA 


chor  anama  seach  a  bhi  ro  dhana.  Ach  fad 
na  h-uine  bha  fhios  agam  gu  robh  esan  ceart 
agus  mise  cearr. 

Dhealaich  sinn,  ach  tha  mi  cinnteach  gu 
robh  e  ag  urnuigh  air  mo  shon.  Bha  mise, 
'n  am  inntinn  fein,  fo  churam. 

Ach  ged  dhealaich  an  duine  rium  dh' 
fhan  a'  cheist  ud  'n  am  chluasan,  "  A  bheil 
thu  air  do  shaoradh  ?  "  Fad  tri  seachduin- 
nean,  ge  b'  e  taobh  an  rachainn,  air  an  t- 
sraid  no  anns  an  sgoil,  'n  am  chadal  no  'n 
am  dhusgadh,  bha  a'  cheist  a  ghnath  'n 
am  chluasan,  "  A  bheil  thu  air  do  shaoradh  ?  " 
Thainig  i  eadar  rium  agus  m'  obair ;  thainig 
i  eadar  rium  agus  mo  chadal.  Cha  robh  'n 
am  chridhe  ach  aon  iarrtus,  a  bhi  air  mo 
shaoradh.    Ach  cha  robh  fhios  agam  ciamar. 

Mar  chuimhneachan  ormsa 

A  thaobh  's  gu'n  d'  thug  am  ministear 
cuireadh  dhomh  suidhe  aig  bord  an  Tigh- 
■earna  chaidh  mi  do'n  eaglais  an  oidhche  a 
bha  an  t-seirbhis-ullachaidh  innte.  Aig 
crioch  na  seirbhis  sin  fhuair  mi  Comharra 
am  measg  chaich,  agus  na  facail  so  air  an 
gearradh  air,  "  Deanaibh-se  so  mar  chuimh- 
neachan orm-sa." 

Ach  tha  mughadh  mor  eadar  comharra  a 
bhi  aig  neach  'n  a  laimh  agus  comharra  a 
bhi  aige  'n  a  chridhe  ;  is  e  "  gras  an  Tigh- 
earn  losa  Criosd,  agus  gradh  Dhe  an  Athar, 
agus  co-chomunn  an  Spioraid  Naoimh  " 
anns  a'  chridhe  an  aon  chomharra  fior  a 
bheir  coir  do  neach  dol  gu  bord  an  Tighearna. 
Cha  robh  an  comharra  fior  so  agam-sa  ged 
bha  an  comharra  eile  'n  am  laimh,  agus  mar 
sin  bha  mi  gun  sunnd  gun  sonas  an  aite  a 
bhi  dol  suas  gu  Sion  le  aoibhneas. 

Ach  bha  mi  an  dochas  gu'm  biodh  an 
Comahachadh  'n  a  mheadhon-gr^is  dhomh  ; 
gu'm  foillsicheadh  an  Tighearn  e  fein  dhomh 
"  ann  am  briseadh  an  arain."  Ach  mar  bha 
an  t-S^baid  a'  tighinn  dluth  dh'  fhas  mi  cho 
neo-shocrach  'n  •-  am  inntinn  's  gu'n  do 
smuainich  mi  an  comharra  a  chur  air  ais 
agus  gun  dol  a  dh'  ionnsuidh  a'  bhiiird  idir. 
Bha  eagal  orm  na'n  deanainn  sin,  gu'm 
bithtnn  mar  neach  a  "  sheallas  air  ais  "  ;  mar 
sin  bha  mi  ann  an  eiginn  chruaidh,  is  chuir 
mi  seachad  a'  chuid  mhor  de'n  \k,  Di-sath- 
uirn,  ag  urnuigh  air  son  soluis  is  cuideach- 
aidh. 

Am  m^ireach,  1^  a'  Chomanachaidh,  bha 
maduinn  ^luinn  ann,  a'  ghrian  a'  dearrsadh 
'n  a  neart.  Ach  mo  thruaighe,  ma  bha  solus 
air  aghaidh  an  t-saoghail  cha  robh  solus  'n 
am  chridhe-sa  ;  bha  mi  cinnteach  nach  robh 
mi  air  mo  shaoradh,  agus  nach  robh  annam 
ach  peacach  caillte.    "  Is  ann  do  shluagh  an 


Tighearna  a  tha  bord  an  Tighearna," 
thubhairt  mi  rium  fein,  "  agus  chan  ann  do 
mo  leithid-sa."  Ach  rinn  Dia  cobhair  orm 
'n  a  dhoigh  iongantach  fein. 

Bha  e  'n  a  chleachdadh  agam  fhein  agus 
aig  an  fhear  a  bha  fuireach  comhla  rium  a 
bhi  a'  dol  air  cheann  aoraidh,  maduinn  mu 
seach.  Air  maduinn  na  Sabaid  ud  b'  ann 
air  mo  chompanach,  Gilleasbiug,  a  thuit 
an  dleasdanas,  agus  ged  nach  robh  fhios 
aige  gu  robh  e  air  a  sheoladh  le  Dia,  leugh 
e  a'  cheathramh  caibideil  deug  de  shoisgeul 
Eoin,  "  Na  bitheadh  bhur  cridhe  fo  thriob- 
laid  ;  tha  sibh  a'  creidsinn  ann  an  Dia  ; 
creidibh  annam -sa  mar  an  ceudna." 

"  Creidibh  annam-sa  " 

Cho  luath  's  a  chuala  mi  am  facal  sin 
dhealraich  an  solus  air  m'  anam,  is  dh' 
fhiosraich  tni  faireachduin  nach  d'  f  hiosraich 
mi  riamh  'n  am  bheatha,  faireachduin  gu 
robh  lathaireachd  Neach  maUle  rium,  o'n 
robh  an  solus  a'  teachd.  Chunnaic  mi  Criosd 
le  siiil  m'  anama,  is  bha  mo  chridhe  air  a 
leaghadh  'n  am  chom  leis  an  t-sealladh  a 
fhuair  mi  air,  an  gradh  agus  a'  chaomhalachd 
a  bha  'n  a  ghniiis.  Ged  bha  GUleasbuig  a' 
leughadh  cha  b'  e  a  ghuth-san  no  guth  Eoin 
a  bha  mi  a'  cluinntinn  ach  guth  an  t- 
Slanuigheir  ag  radh  rium,  seadh  rium-sa, 
"  Creid  annamsa." 

Thug  am  facal  sin  comhfhurtachd  do  m' 
chridhe  a  bha  fo  thrioblaid,  oir  b'  e  fhacal 
fein  a  bha  ann.  Chunnaic  mi  mar  gu'm 
biodh  e  air  fhoillseachadh  dhomh  le  plathadh 
soluis  o  neamh  gur  e  creideamh  ann  an 
Criosd  a  shaoras  an  t-anam,  seadh  gur  e 
Criosd  saorsa  an  anama.  B'e  sud  dhomhsa 
ionghnadh  nan  ionghnaidhean ;  ann  am 
prioba  na  sula  a  bhi  air  mo  thoirt  a  mach 
as  an  dorchadas  agus  a  bhi  air  mo  thoirt 
a  steach  do'n  t-solus,  a  bhi  air  mo  thoirt  o 
bhas  gu  beatha,  agus  o  anshocair  anama  gu 
sith  do-labhairt  Dhe.  Bha  a'  cheist  a  thug 
orm  clisgeadh  a  nis  air  a  freagau't ;  bu 
leam-sa  Criosd  agus  bu  leis-san  mise — 
gu  br^th. 

An  Lathaireachd  fhior 

Bha  mi  ann  an  saoghal  iir,  agus  beatha 
nuadh  agam,  is  chaidh  mi  gu  bord  an  Tigh- 
earn, air  son  na  ceud  uaire,  an  Di-domhnaich 
ud,  le  aoibhneas  do-labhairt  'n  am  chridhe. 
A'  coiseachd  a  dh'  ionnsuidh  na  h-eaglais 
bha  mi  mar  dhuine  a  bha  air  sgiathan  ; 
bha  maise  is  gloir  eadhon  air  ballachan  agus 
suidheachain  na  h-eaglais  an  la  ud  ;  Tigh 
Dhe  agus  Geata  Neimh  dhomhsa  co  dhiu- 

Ged  nach  cuala  am  ministear  ciod  a  th^ch- 
air  dhdmhsa,  shaoileadh  tu  gur  ann  air,  rao 


COMANACHADH  SONA— SEARMON  DO  'N  CHLOINN 


shon  a  ghabh  e  an  ceann-teagasg  a  bha 
aige,  "Mo  Thighearna  agus.  mo  Dhia." 
B'e  comanachadh  niilis  a  bha  ann  dhomhsa 
an  la  ud  oir  bha  co-chomunn  mills  agam  ri 
Criosd  mo  Shlanuighear. 

A  leughadair,  ma  tha  an  t-eolas  so  agad-sa 
air  Criosd  a  fhuair  mise  air  ni  thu  gair- 
deachas  maille  rium.  Ach  ma  dh'  fhoillsich 
e  e  fein  dhuit  ann  an  doigh  eile,  doigh  a  tha 
eadar-dhealaichte  o'n  doigh  anns  an  d' 
fhoillsich  e  e  fein  dhomhsa,  theagamh  gu 
bheil  aobhar  agad  a  bhi  taingeil  nach  do 
tharruing  e  thu  air  an  t-slighe  air  an  do 
tharruing  e  mise.  Ged  nach  'eil  a'  cheart 
fhiosrachadh  spioradail  againn  faodaidh  ar 
fiosrachadh  le  cheile  a  bhi  fior,  is  cha  bhiodh 
e  ceart  do  aon  againn  a  bhi  cm"  teagaimh 
ann  am  fiosrachadh  an  aoin  eile.  Tha  an 
Spiorad  Naomh  a'  buntainn  ruinn  fa  leth, 
ris  gach  aon  againn  anns  an  doigh  a  tha 


freagarrach  d'  ar  nadur  agus  d'  ar  gne,  ach!, 
tha  e  daonnan  'g  ar  treorachadh  gu  Criosd. 
Maith  dh'  f haoidte  gu  bheil  cuid  eile  a 
leughas  an  naidheachd  .so  direach  far  an 
robh  mise  a'  mhaduinn  ud  a  fhuair  mi  Criosd 
agus  a  chreid  mi  ann.  Bu  mhaith  leo  a  bhi 
'n  an  Criosduidhean,  agus  tha  iad  a'  deanamh 
an  dichill  a  bhi  'n  an  Criosduidhean,  ach 
chan  e  dichioll  no  oidhirp  a  tha  air  iarraidh 
oirbh  ach  Creideamh.  Rinn  Criosd  cheana 
na  tha  ri  dheanamh  ;  tha  obair  na  slainte 
cHochnaichte  agus  slighe  na  slainte  fosgailte, 
agus  is  e  ar  cuid-ne  creidsinn,  creidsinn  ann 
an  Criosd,  Mac  Dhe.  Gabh  ris,  ma  ta,  mar 
thiodhlac  Dhe.  "  A  mheud  agus  a  ghabh 
ris  thug  e  dhaibh  cumhachd  a  bhi  'n  an  cloinn 
do  Dhia,  eadhon  dhaibhsan  a  tha  creidsinn 
'n  a  ainm,  a  bha  air  an  gineamhuin,  chan 
ann  o  fhuil,  no  o  thoil  na  feola,  no  o  thoil 
duine,  ach  o  Dhia  "  (Eoin  i.  12-13). 


Searmon  do  'n  Chloinn 

Leis  an    Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  an  Deibhidh. 
Esan  a  dh'  ith  aran  aig  mo  bhdrd  thog  e  a  shall  am  aghaidh. — Ps.  xli.  9. 


NUAIR  thoisich  an  cogadh  mor  agus 
muladach  so  bha  Calum  beag,  mu  dheich 
bliadhna  de  aois,  agus  bha  a  chomhnuidh 
am  baile  mor  mu  dheas. 

Thuit  sligean-mUlidh  uair  no  dha  air 
a'  bhaUe  sin  a  rinn  miUeadh  mor  air  sluagh 
agus  air  cuid.  Air  eagal  gu  'n  eireadh  ni 
do  Chalum  beag  dh'  fhalbh  a  mhathair 
leis,  a  dh'  aon  sgriob,  do  thigh  a  sheanar, 
an  eUean  beag  fada  siar,  far  an  d'  fhuair  i 
fein  a  breith  's  a  h-arach. 

Bha  a  sheanmhair  air  caochladh,  ach 
chuir  a  sheanair  faUt  is  furan  air,  agus 
gheall  e  a  thogail  gu  curamach  mar  gu  'm 
b'  e  a  mhac  fein  a  bhiodh  ann. 

Thoisich  e  air  a  dhol  do  'n  sgoU  agus  air 
a'  Gh^idhlig  a  thogail,  agus  an  uine  ghoirid 
bha  e  cho  fileanta  ri  bodach  oirre. 

Aon  la  thug  a  sheanair  dha  leabhar  beag 
piollach,  agus  a  reir  coltais,  chaidh  e  troimh 
iomadh  lamh  mu  'n  d'  fhuair  esan  e. 

"  So  agad,"  ars  an  sean  duine,  "  Leabhar 
Aithghearr  nan  Ceisd,"  an  leabhar  as  an 
d'  fhuair  do  mhathair  a  teagasg  nuair  bha 
i  6g,  agus  tha  mi  cinnteach  gu  'm  b'  fheairrd 
i  gu  mor  e  nuair  chaidh  i  arn.  measg  uUc  a' 
bhaUe  mhoir.  Ma  leanas  tusa  gu  dluth  ri 
teagasg  an  leabhair  bhig  so  bidh  tu  fhathast 
ag  eirigh  air  a'  Cheisd  an  aite  do  sheanar 
agus  bidh  tu  mtiirneach  ann  an  cuirtibh 
na  h^eaglaise." 


Cha  do  chord  an  leabhar  idir  ri  Calum 
beag,  oir  ma  bha  biadh  ann,  bha  e  duilich 
faighinn  aige.  Cha  robh  e  ach  mar  gu 
'n  cuireadh  tu  giomach  sl^n  air  beulaibh 
gUle  gionach  as  a'  bhaile  mhor.  Chuireadh 
e  car  no  dha  dheth  air  an  truinnsear  agus 
theireadh  e  ris  fein,  "  ged  rachadh  agam 
air  itheadh  c'  uin  a  theid  agam  air  a 
chnamh  ?  "  Chuireadh  e  uaithe  e  mar  ni 
nach  b'  fhiu. 

Sin  mar  bha  Calum  mu  'n  leabhar  bheag 
aig  a  sheanair  ;  chan  fhaca  e  maise  air 
bith  air,  agus  chuir  e  gu  taobh  e.  B'  fhearr 
leis  gu  mor  an  seorsa  Gaidhlig  a  bhiodh 
aig  ciobairean  agus  aig  buachaUlean  ris  na 
coin, — "  nach  laigh  thu  mhic  do  sheanmh- 
ar !  "  agus  air  uairean  bhiodh  i  na  bu 
ghaidhealaiche  na  sin.  Mar  is  trice,  sin 
an  seorsa  Gaidhlig  a  thogas  uilc  an  toisaech, 
Gaidhlig  nach  faigh  thu  idir  aig  Comunn 
Gaidhealach,  no  ann  an  eaglais  air  bith. 

Aon  la  thainig  Mor  bhan,  aon  de  chail- 
leachan  -an  aite,  far  an  robh  Calum  mor 
agus  chomhairlich  i  dha  am  balach  a 
smachdachadh  gu  math  a  chionn  gu  robh 
e  a,ir  oigridh  an  aite  a  thruailleadh  leis  an 
seorsa  cainnt  a  bhiodh  aig  balaich,  dhubha 
gun  mhodh  gun  oUean  air  cul-shraidean  a' 
bhaile  mh6ir.  Thuirt  i  nach  robh  e  iom- 
chuidh  a  leithid  de  pheasan  a  bhi  an  tigh 
EUdeir,    agus    mur    caisgeadh    se    e    gu    'n 


SEARMON  DO  'N  CHLOIim 


deanadh  i  casaid  ris  a'  mhinisteir.  Bha 
fhios  aig  Calum  mor  gun  deanadh  i  na 
mhaoidh  i  dheanamh,  agus  bha  eagal  air 
gu  'n  cailleadh  e  coir  air  comanachadh  agus 
comas  labhairt  air  a'  Cheisd. 

A  chionn  gu  'n  d'  thug  e  gr^dh  seanar 
do  Chalum  beag  cha  bu  chaomh  leis  a  dhol 
'g  a  smachdachadh.  Smuainich  e  air  doigh 
a  chaomhnadh  dha  sin  a  dheanamh,  agus 
thug  e  air  far  an  robh  maor-sithe  na  sgire, 
agus  dh'  innis  e  dha  mar  bha,  agus  thuirt 
0  ris  gu  'm  biodh  e  fada  'n  a  chomain  na 
'n  rachadh  e  an  coinneamh  Chaluim  bhig, 
agus  na  'm  maoidheadh  e  glas  lamh  is 
priosan  air  vaui  sguireadh  e  de  a  dhroch 
cainnt.  Gheall  am  maor-sithe  sin  a 
dheanamh. 

Air  an  ath  latha,  beagan  mu  'n  do  sgaoil 
an  sgoU,  thog  e  air  agus  sheas  e  air  an 
drochaid  air  am  feumadh  Calum  beag  dol 
thairis  air  an  rathad  gu  tigh  a  sheanar.  An 
tiine  ghoirid  chunnaic  am  maor-sithe  Calum 
a'  tighinn,  agus  e  a'  feadaireachd,  gun  neul 
dorcha  'n  a  speur,  no  ni  air  an  t-saoghal 
a'  cur  dragh  air. 

Chuir.  am  maor-sithe  uchd  air,  agus 
tharruing  e  sgraing  air  aodann  agus  thuirt 
e  ri  Calum,  "  Trobhad  an  so  'Hie  dhuibh !  " 
"  An  robh  thusa  eolach  air  mo  sheorsa  anns 
a'  bhaUe  mhor  as  an  d'  thainig  thu  ?  " 

"  Bha  mi  sin,"  arsa  Calum,  's  e  deanamh 
gaire,  "  is  iomadh  ruaig  gun  bhuaidh  a  thug 
fear  mor  dhiubh  as  mo  dheidh." 

"  Tha  iad  ag  radh  riumsa,"  ars  am  maor- 
sithe,  "  nach  'eil  annad  ach  fior  dhroch 
bhalach  ;  gu  bheU  mionnan  is  mallachadh 
agad  a  tha  mor.  An  diugh  fhein,  ars  esan, 
thainig  eun  beag  agus  chuir  e  cagar  'n  am 
cbluais,  mu  do  dheidhinn,  agus  rinn  e  casaid 
gheur  'n  a  t'  aghaidh." 

Nuair  chuala  Calum  mu  'n  eun  bheag 
smuainich  e  air  eun  beag  a  bhiodh  e  a' 
biathadh  shuas  aig  tigh  a  sheanar,  agus 
thuirt  e  "  nach  b'  e  sin  an  Satan  beag  an 
deidh  dhomhsa  corr  mo  bhrochain  a  thoirt 
dlia  's  a'  mhaduinn  mu  'n  d'  fhalbh  mi  do 
'n  sgon."  "  Esan  a  dh'  ith  aran  aig  mo 
bhord  thog  e  a  shaU  am  aghaidh." 


Tha  e  dona  gu  leor  an  uair  a  ni  namhaid 
olc  ort,  ach  tha  e  dona  buUeach  an  uair 
8j  tha  e  air  a  dheanamh  le  neach  a  bha  duil 
agad  a  bha  'n  a  fhior  charaid  dhuit.  Nach 
d'  thuirt  an  Salmadair  fein  agus  caraid 
claon  de  'n  t-seorsa  sin  air  olc  a  dheanamh 
air,  "  oir  cha  bu  namhaid  a  thug  masladh 
dhomh  no  dh'  fhuUinginn  e  ;  cha  b'  e  fear 
le  'm  b'  fhuathach  mi  a  dh'  ^rdaich  e  fein 
'n  am  aghaidh  no  dh'  fhalaichean  mi  fein 


uaithe  :  ach  thusa !  fear  bu  choimpire 
dhomh  fein,  fear  m'  iuU  agus  fear  m'  eolais. 
Le  cheile  ghabh  sinn  comhairle  bhlasda, 
gu  tigh  Dhe  dh'  imich  sinn  cuideachd." 

An  deidh  cho  c^irdeil  agus  a  bha  iad  rinn 
e  olc  air  agus  dh'  fhaodadh  an  Salmadair 
a  rMh  uime,  "  Esan  a  dh'  ith  aran  aig  mo 
bhord  thog  e  a  shail  am  aghaidh." 

Cha  b'  ann  aon  uair  a  thachair  fear  de 
'n  t-seorsa  sin  air  an  t-Salmadair.  Nach 
d'  thug  a  mhac  Absalom  oidhirp  air  an  t- 
sluagh  a  bhreugadh  uaithe,  agus  air  an 
rioghachd  a  ghlacadh   as  a  laimh. 

Chuir  e  mach  luchd-bratha  air  feadh  uUe 
threubhan  Israeli  ag  radh,  "  Co  luath  as  a 
chluinneas  sibh  fuaim  na  trompaide  an 
sin  their  sibh,  tha  Absalom  'n  a  righ  ann  an 
Hebron." 

Bidh  daoine  a'  smuaineachadh  gur  e 
Hitler  a'  cheud  fhear  a  chuir  luchd  bratha 
a  mach  air  feadh  threubhan  eile  chum  call 
a  dheanamh  an  uaigneas  agus  iad  fein 
fholach  gus  am  biodh  a  shaighdearan  dltith 
air  laimh.  Chi  sinn  anns  an  t-Seann 
Tiomnadh  nach  e  rud  dr  sam  bith  tha  so, 
oir  bha  e  air  a  chleachdadh  na  miltean 
bliadhna  roimh  latha  Hitler. 

B'  fheudar  do  Dhaibhidh  agus  do  na 
treun  fhir  a  bha  leis  baUe  lerusaleim  f hagail 
as  an  deidh  agus  deanamh  air  na  beanntan 
air  eagal  gu  'm  buaileadh  Absalom  iad  le 
faobhair  a'  chlaidheimh.  Nuair  bha  Daibh- 
idh  agus  na  bha  leis  a  dol  suas  gu  sliabh 
nan  Crann-Ola  bha  iad  cas-ruisgte  agus 
iad  a'  gul. 

Cha  robh  ionghnadh  ann  ged  bhiodh 
cridhe  Dhaibhidh  tursach  trom  a  chionn 
mar  rinn  a  mhac  air.  An  deidh  gach 
coibhneis  a  nochd  e  dha  rinn  e  ceannairc 
'n  a  aghaidh  agus  bha  e  deas  gu  athair  a 
chur  gu  bas  a  chum  gu  'm  faigheadh  e  fein 
an  rioghachd  mar  shealbh.  Ach  cha  do 
shoirbhich  leis  cho  math  agus^  bu  mhath 
leis. 

Nuair  choinnich  feachd  an  athar  agus  a 
mhic  chaidh  an  cath  a  chur  gu  teann  agus 
gu  dian  ann  an  coille  Ephraim,  agus  chaidh 
an  ruaig  a  chur  air  Absalom  agus  air  a 
shluagh.  Ghlacadh  Absalom  air  fhalt  ann  an 
geuga  tiugha  craoibhe  daraich  agus  bha 
e  crochte  eadar  neamh  agus  talamh.  Thainig 
loab  ceannard-airm  athar,  agus  chuir  e 
tri  gathan  'n  a  chridhe,  agus  cha  bu  ghath 
seillein  a  h-aon  dhiubh. 

An  deidh  sin  bhuaUeadh  e  le  deichnear 
oganach  a  bha  le  loab  agus  mharbh  iad  e. 
Cha  do  ph^idh  a  cheannairc  agus  a  chealgair- 
eachd  ach  gu  h-olc  dha. 

Shaoileadh  duine  gu  'm  biodh  aAhair 
toUichte  gu  'n  do  chuir  iad  as  dha,  aoh  icaha 


SEARMON  DO  'N  CIILOINN— ANNS  A'  CHATHAIR 


robh.  Nuair  chual  e  naidheachd  a  bhais 
chaidh  e  suas  do  'n  t-seomar  os  cionn  a' 
gheata  agus  ghuil  e.  Thuirt  e  mar  so  "  A 
mhic  Absaloim !  a  mhic,  a  mhic  Absaloim ! 
O  nach  mise  fein  a  fhuair  bas  air  do  shon, 
Absaloim,  a  mhic,  a  mhic." 

Thug  gradh  an  athar  buaidh  air  gach 
fuath  is  gamhlas  a  bha  'n  a  chridhe.  Ach 
nuair  smuainicheas  tu  thairis  air  eachdraidh 
nan  laithean  ud  nach  e  Daibhidh  a  dh' 
fhaodadh  a  rMh,  "  esan  a  dh'  ith  aran  aig 
mo  bhord  thog  e  a  shail  am  aghaidh." 

Nuair  thionndaidheas  tu  dh'  ionnsaigh 
an  Tiomnaidh  Nuaidh  gheibh  thu  olc  is 
cealgaireachd  de  'n  t-seorsa  so  ann  mar  an 
ceudna.  Smuainich  aii-  an  t-Slanuighear 
maille  ris  na  deisciobuil  aige  anns  an  t- 
Seomar  Uachdrach  air  an  oidhche  mu 
dheireadh.  Thuirt  e  riu  gu  'm  faigheadh 
iad  uile  oilbheum  ann  air  an  oidhche  ud. 
Fhreagair  Peadar  e  agus  thuirt  e  nach 
faigheadh  esan  oilbheum  ann  co  dhiu. 
Thuirt  losa  ris  air  an  oidhche  ud  fein  gu 
'n  ^icheadh  e  esan  tri  uairean  mu  'n  goireadh 
an  coileach. 

Air  an  oidhche  ud  bha  fear-brathaidh  aig 
a'  Bhord  maille  riu  d'  am  b'  ainm  ludas 
Iscariot,  agus  bha  esan  an  deidh  cordadh 
ris  na  h-ard  shagairt  gu  'm  brathadh  e  losa 


dhaibh  air  son  deich  buinn  fhichead  airgid. 
Cred  bha  e  aig  a'  Bhord  cha  bu  charaid  do 
Chriosd  e,  ach  a  dhearg  namhaid.  Bha  dtiil 
aige  fein  nach  robh  fhios  aig  Criosd  air  an 
olc  a  bha  'n  a  chridhe,  ach  an  iiine  ghearr 
bha  fhios  aige  air  a  chaochladh.  Thubhairt 
Criosd  ris  "an  ni  ata  thu  dol  a  dheanamh 
dean  gu  grad  e." 

Dh'  eirich  ludas  o  'n  bhord,  agus  chrom 
e  leis  an  staidhir  agus  chaidh  e  a  mach. 
Rinn  e  air  na  h-4rd-shagairt  agus  bhrath 
e  losa  dhaibh. 

Nach  olc  bu  choir  dha  a  dheanamh  mar 
a  rinn  e  an  deidh  gach  coibhneis  a  nochd 
losa  dha,  an  deidh  gach  bidh  a  ghabh  iad 
comhla  agus  gach  comhraidh  mUis  a  bha 
eatorra.  Ach  nach  'eil  gach  aon  againn 
a  cheart  cho  ciontach  ri  ludas  ?  Gheall  sinn 
an  urnuigh  agus  an  aidmheil  a  bhi  dileas 
dha  gu  crioch  an  re  ach  ghlac  an  saoghal 
cealgach  so  ar  smuain,  ar  saothair,  agus 
ar  tim,  agus  dhichuimhnich  sinn  ar  suipeir 
maille  ris.  Bhrath  sinn  e  iomadh  uair  anns 
na  l^itbean  a  dh'  aom  agus  brathaidh  sinn 
e  iomadh  uair  anns  na  laithean  tha  ri  teachd. 

Nach  fheud  e  a  radh  gu  cinnteach  an 
diugh  mu  dheidhinn  gach  aoin  againn, 
"  Esan  a  dh'  ith  aran  aig  mo  Bhord  thog 
e  a  shail  am  aghaidh." 


Anns  a'  Chathair 


THUBHAIRT  mi  cheana  e  ach  cha  dean 
e  cron  a  r^dh  a  ris,  gu  bheil  a  h-uile  Eaglais 
Phrostanach  am  Breatunn  an  diugh  mar  gu 
'm  biodh  long  mhor  fo  Ian  a  cuid  aodaich 
air  uchd  a'  chuain,  agus  gun  i  a'  gluasad, 
a  chionn  nach  'eil  deo  gaoithe  aice.  Cha 
deachaidh  long  riamh  air  saUe  aig  an  robh 
acfhuinn  as  fhearr  na  tha  aig  Eaglais  na 
h-Alba  an  diugh — tha  mi  'g  a  h-ainmeachadh- 
se  a  chionn  gur  i  as  fhearr  is  aithne  dhomh — 
ach  air  a  shon  sin,  tha  a  siubhal  cho  mar bh 
's  nach  faic  thu  uiread  agus  gearradh-uisge 
an  deidh  na  stitirach  aice.  Tha  cainbe  agus 
canabhas  agus  sitiU  agus  acfhuinn  na  luinge 
gun  mheang,  ach  chan  'eil  i  a'  deanamh 
astair.  Ach  ma  's  dona  do  luing  a  bhi  gun 
ghaoith,  is  miosa  dhi  a  bhi  ann  an  ceo,  ach 
an  uair  a  tha  glag  feath  ann  agus  an  ceo 
dumhail,  sin  as  miosa  au'  fad. 

So  mar  tha  an  eaglais  an  ditigh  ;  tha  an 
ceo  cho  dumhail  agus  a'  ghaoth  cho  fann 
's  nach  'eil  guidhe  a  b'  fhearr  dhuinn  a  bhi 
air  ar  bilean  na  'n  urnuigh  so, 

Anail  bhed,   anail  bhed,   anail  bhed, 

sdid  a  nuas  ; 
Guir  an  deOf  cuir  an  deo,  cuir  an  deo 

an  luchd  na  suain. 


Bho  stad  an  cogadh  an  1918  chleachd 
Eaglais  na  h-Alba  iomadh  innleachd  a 
chur  beatha  anns  na  cnamhan  tioram,  ach 
cha  do  shoirbhich  leatha  ann  an  gin  de  na 
h-innleachdan  sin.  Uair  is  uair  bho  chionn 
bhliadhnachan  ghairm  i  an  sluagh  gu 
iirnuigh  agus  aithreachas  agus  fein-chois- 
rigeadh  do  sheirbhis  Chriosd,  ach  cha  tainig 
dad  as  a'  ghairm  sin  ach  othaO.  is  iiinich 
agus  moran  bruidhne  le  Committees  an  Dim- 
eideann.  Tha  na  cnamhan  cho  tioram  's 
a  bha  iad  riamh. 

Na  'n  gabhadh  obair  spioradail  a  bhi  air 
a  deanamh  le  organisation,  no  innleachd 
dhaoine,  bu  mhor  an  t-atharrachadh  a 
dheanadh  am  Forward  movement  anns  an 
eaglais,  oir  bha  duine  maith  agus  duine 
diadhaidh,  an  t-OUamh  Domhnull  Friseal, 
air  a  cheann,  ach  ged  bu  mhor  an  t-ullachadh 
bu  bheag  an  toradh.  Cho  luath  's  a  bha 
othail  nan  coinneamhan  mora  uUamh 
thuit  a'  ghaoth  agus  stad  an  long. 

Thachair  a'  cheart  ni  an  uair  a  dh'  fheuch 
Cleirean  sonruichte  ri  coinneamhan  soisgeu- 
lach  a  chumail  an  sud  agus  an  so  fad  seach- 
duin  ;  an  uair  a  sguir  na  coinneamhan  bha 
na  cnamhan  cho  tioram  's  a  bha  iad  riamh. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


An  uair  a  theid  othail  agus  uinich  de  'n 
t-seorsa  so  seachad,  cluinnear  daonnan  gu 
'n  do  dhuisg  an  obair  aire  agus  iiidh  an  t- 
sluaigh,  ach  ged  a  bhios  sin  air  a  radh  leis 
an  fheadhainn  a  chuir  ceann  innte  agus  a 
ghabh  dragh  rithe,  tha  fhios  aig  an  t-saoghal 
nach  'eil  aire  agus  iiidh  a'  phobuill  ach  gle 
bheag  air  coinneanhan  soisgeulach. 

Ciod  is  aobhar,  ma  ta,  do  'n  mharbhan- 
tachd  spioradail  a  thuit  air  an  eaglais  an 
diugh  ?  Tha  mise  an  duil  gur  e  so  an  t- 
aobhar  ;  gu  bheil  an  eaglais  ann  an  ceo  a 
thaobh  a  Creideamh  agus  a  Creud,  agus 
nach  'eil  i  cho  cinnteach  as  a  teachdaireachd 
's  gur  h-urrainn  dhi  labhairt  an  ainm  Dhe 
mar  dheanadh  na  faidhean  agus  na  h- 
abstoil. 

An  laithean  m'  oige  bha  teagasg  agus 
creud  na  h-eaglais  diongmhalta  agus  l^idir  ; 
air  an  steidheachadh  air  a'  Bhiobull  anns  an 
robh  a'  mhor  chuid  de  'n  t-sluagh  a'  creidsinn 
mar  Fhacal  Dhe  leis  an  d'  fhoillsich  e  e  fein 
agus  a  rtiintean  grais  do  'n  t-saoghal,  agus 
a  thug  e  dhuinn  mar  riaghailt  cionnus  a 
ghloraicheamaid  e. 

A  mach  o  dhaoine  neonach  an  sud  agus 
an  so,  bha  aonachd  am  measg  an  t-sluaigh 
a  thaobh  firinnean  mora  a'  Chreidimh ; 
mu  Dhia  agus  mu  Chriosd,  mu  pheacadh 
agus  mu  shlighe  na  slainte, '^u  bhreitheahas 
agus  mu  'n  bheatha  mhaireannaich.  Bha  aon- 
achd 'n  am  measg  nach  robh  na  firinneanan 
sin  an  urra  ri  beachdan  dhaoine  ach  gu  'n 
robh  iad  air  am  foillseachadh  le  Dia  o 
neamh. 

Ach  chan  'eil  an  aonachd  sin  'n  am  measg 
an  diugh  ;  eadar  na  tha  an  luchd-ealain 
ag  innseadh  dhuinn  mu  'n  chruthachadh 
agus  na  tha  h-ard-sgoilearan  a'  teagasg  mu 
'n  Bhiobull  tha  amharus  air  a  dhhsgadh 
ann  an  inntinnean  dhaoine  nach  'eil  bunait- 
ean  a'  Chreidimh  Chriosduidh  idir  cho 
seasmhach  's  a  bha  iad  an  duil.  Agus  ged 
tha  an  t-amharus  so  fhein  gun  bhunait, 
far  a  bheil  amharus  seargaidh  creideamh. 

So  mar  tha  an  sluagh  an  diugh  ;  ann  an 
ceo  gun  uiread  agus  aonachd  'n  am  measg 
a  thaobh  crioch  araidh  an  duine.  A  thuil- 
leadh  air  an  eas-aonachd  so  a  thaobh  nam 
firinnean  a  bha  air  a  theagasg  dhaibh, 
chuir  an  cogadh  agus  an  t-uamhas  a  tha  a' 
dol  air  aghaidh  air  feadh  an  t-saoghail 
buaireas  agus  teagmhaidhean  'n  an  cridhe 
nach  'eil  feum  air  bith  anns  a'  Chreideamh 
a  tha  na  rioghachdan  ag  aideachadh,  an 
uair  a  leigeas  e  leo  a  cheile  a  mharbhadh. 
Agus  mar  nach  bu  leor  sin  gu  bhi  a'  toirt 
bhuapa  an  creideamh  ann  an  teagasg  nan 
ginealan  a  dh'  fhalbh  tha  aire  dhaoine  an 
diugh  air  a  tharruing  mar  nach  robh  i  riamh 


roimhe  gu  euchdan  agus  innleaphdas  agus 
cumhachd  mhic  an  duine,  air  chor  agus 
gu  bheil  an  dara  leth  de  'n  t-sluagh  a  nis 
a'  creidsinn  nach  e  Dia  idir  iighdar  ar 
Creidimh  ach  mac  an  duine  fhein  ;  nach 
d'  thainig  deo  soluis  o'n  airde  no  o  fhoill- 
seachadh  Dhe,  ach  a  mhain  an  solus  air  an 
do  rainig  mac  an  duine  le  a  thuigse  agus  a 
reuson  fhein. 

Tha  an  droch  thaois  sin  ann  an  smuain- 
tean  dhaoine  an  diugh ;  tha  an  saoghal 
so  agus  euchdan  mhic  an  duine  a'  tarruing 
an  aire  cho  buUeach  's  nach  'eil  iomradh 
aca  air  Dia  no  air  an  t-saoghal  eile.  Thea- 
gamh  nach  'eU  iad  ag  aicheadh  Dhe,  ach 
chan  'eil  e  'n  an  smuaintean,  agus  an  rud 
nach  'eil  'n  ar  smuaintean  tha  e  dhuinn 
mar  nach  biodh  e  idir  ann. 

Tha  daoine  fhathast  beo  an  Albainn  aig 
a  bheil  cuimhne  air  an  obair  bheannaichte 
a  chunnacas  a'  dol  air  aghaidh  fo  shear- 
monachadh  D.  L.  Moody,  Anns  na  laithean 
ud  bha  sruth  a'  Chreidimh  laidir  le  neart 
lionaidh,  ach  an  diugh  tha  an  sruth  marbh, 
aig  isle  mar  a. 

Sin  suidheachadh  na  h-eaglais  an  diugh  ; 
marbhantachd  spioradail  cho  trom  's  nach 
'eil  e  comasach  do  iomadh  eaglais  seirbhis- 
fheasgair  a  chumail  air  an  t-Sabaid,  no 
coinneamh-urnuigh  air  la  seachduin,  no 
eadhon  la-traisg  roimh  chomanachadh. 

Ciod  is  ciall  do  'n  mharbhantachd  so, 
no  ciod  is  aobhar  dha  1 

Their  cuid  gur  e  an  cogadh  as  aobhar 
dha,  agus  cuid  eUe  gur  e  sud  no  so,  ach  mar 
thubhairt  mi  cheana,  tha  mise  an  diiil 
gur  e  cion  creidimh,  agus  cion  dochais  ann 
an  Dia,  agus  cion  dearbhachd  a  thaobh  na 
beatha  dhiadhaidh  as  aobhar  dha. 

Ach  ciod  air  bith  as  aobhar  dha,  tha 
fhios  aig  Eaglais  na  h-Alba  gu  maith  gu 
bheil  i  an  diugh  anfhann  leis  an  tinneas  so  ; 
tha  fhios  aig  a'  Chommision  a  tha  an  t- 
Ollamh  Iain  B^illidh  air  a  cheann  air,  ach 
ma  tha,  chan  'eil  leigheas  aca  air  ach  an 
tuilleadh  organisation  a  chur  air  chois.  Ach 
chan  e  organisation,  no  innleachd  iir,  no 
acfhuinn  ur,  a  leighseas  anfhannachd  na 
h-eaglais  an  diugh  ach  anail  bheo  o'n  airde. 

Anait  bheo,   anail  bhed,   anail  bhed, 

sdid  a  nuas  ; 
Cuir  an  deo,  cuir  an  deo,  cuir  an  deo 

an  luchd  na  suain. 

Tha  acfhuinn  agus  organisation  aig  an 
eaglais  an  diugh  nach  robh  aig  na  ceud 
chreidmhich  ;  togalaichean,  agus  airgiod, 
agus  committees,  agus  propaganda,  agus 
gach  innleachd  eile  air  obair  na  h-eaglais 
a   chraobh-sgaoileadh,    ach   ged  nach  robh 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


ach  gle  bheag  de  'n  acfhuinn  sin  aig  na  ceud 
chreidmhich  bha  beatha  agus  creideamh 
aca  agus  aoibhneas  anns  an  Tighearna, 
agus  le  cumhachd  nan  nithean  sin  bha  fas 
agus  fallaineachd  amis  an  eaglais  nach 
gabh.  cur  innte  le  organisation  no  le  inn- 
leachd  dhaoine.  A  thaobh  na  beatha  spior- 
adail  agus  fas  na  diadhaidheachd  chan 
'eil  ann  an  organisation  ach  clach-spor  gun 
solus.  A  m9,ch  o'n  bhuaidh  a  tha  aig  Facal 
an  Tighearna  agus  aig  an  Spiorad  Naomh 
air  coguisean  dhaoine  chan  'eil  rud  eile 
air  an  t-saoghal  a  tha  cho  eifeachdach  gu 
bhi   cumail   dhaoine   mi-churamach   cuimh- 


neach  air  Dia  ris  an  fhianuis  a  tha  iad  a' 
faicinn  ann  am  beatha  dhaoine  diadhaidh 
as  aithne  dhaibh. 

Ach  is  e  a'  chuis-bhroin,  gu  bheil  an 
fhianuis  sin,  a  reir  choslais,  fann  ann  an 
Albainn  an  diugh  ;  chan  'eil  an  saoghal  a' 
faicinn  gu  bheil  mughadh  air  bith  eadar 
luchd-comanachaidh  agus  an  fheadhainn 
nach  bi  a'  dol  do  'n  eaglais  idir,  no  gu  bheil 
creideamh,  no  dochas,  no  gradh  againn 
nach  'eil  aig  an  duine  nadurra.  A  bheil 
sin  fior.  Ma  tha,  is  ion  dhuinn  sin  fhein 
irioslachadh  anns  an  duslaich  agus  maith- 
eanas  iarraidh  air  Dia. 


Aig  an  Uinneig 


A'  Bhliadhna  dr 

BLIADHNA  mhaith  ur  do  gach-  neach  a* 
leughas  an  duilleag  so  o'n  fhear  a  bhios  'g 
a  sgriobhadh. 

Is  e  an  guidhe  as  fhe^rr  as  urrainn  sinn  a 
dheanamh  do  ch^ch  a  cheile  gu  'n  tig  crioch 
air  a'  chogadh  m'  an  ruig  i  a  -ceann  agus 
gu  'n  tig  crioch  air  anns  an  doigh  a  bu 
mhaith  leinn.  An  uair  a  thachras  sin 
faodaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  gu  'n  iarr 
an  righ  air  an  t-sluagh  an  obair  a  leigeil 
seachad  beagan  uine  a  dhol  comhla  do  na 
h-eaglaisean  chum  buidheachas  a  thabhairt 
do  Dhia  a  chionn  gu  'n  do  shaor  e  sinne  agus 
an  saoghal  uile  o  'n  chunnart  anns  an  robh 
sinn.  Fad  iomadh  bliadhna  fhathast  bith- 
idh  na  rioghachdan  uile  ann  an  droch 
shuidheachadh,  oir  ma  tha  duinealas  ann  an 
daoine  aig  toiseach  tuasaid  tha  freumh  de 
'n  donas  annta  aig  a  deireadh.  Co  a 
shaoileadh  ann  an  1*941-2  gu  'm  biodh  a' 
Ghreig  'n  a  culaidh-bhroin  cho  luath.  Tha 
nMur  mhic  an  duine  cho  mealltach  ris  a' 
mhuir. 

An  righ  agus  a'  bhan-righ 

Chan  'eil  ionghnadh  ged  tha  meas  aig 
an  t-sluagh  air  an  righ  agus  air  a  Bhan-righ, 
oir  chan  e  mh^in  gu  bheil  iad  a'  riaghladh 
an  tighe  agus  an  teaghlaich  gu  glic  agus  gu 
diadhaidh,  ach  tha  iad  iriosal  agus  faireach- 
dail  ann  an  tomhas  neo-chumanta,  gu 
sonruichte  ri  luchd  a'  bhroin.  Sin  mar 
tha  iad  a'  cosnadh  dhaibh  fein  meas  agus 
gaol  an  t-sluaigh. 

Tha  an  righ  a'  cur  eisiomplair  mhaith  fa 
chomhair  a  shluaigh  ann  an  iomadh  doigh  ; 
ach  gu  sonruichte  a  thaobh  aoradh  foUaiseach 
na  h-eaglais.  C  aite  air  bith  am  bi  e  air 
an  t-Sabaid,  an  Lunnainn,  no  am  Baile- 
mhpir^il,  no  a'  fuireach  air  an  dtithaich  an 
tigh, phairdean,  chithear  daonnan  e  anns  an 


eaglais  air  maduinn  na  Sabaid.  Anns  a' 
cheum  sO  tha  e  a'  leantuinn  cleachdadh 
athar. 

Chan  ann  'g  a  thoUeachadh  fhein  a  tha  an 
righ  a'  cur  seachad  a  bheatha  ach  mar 
sheirbhiseach  a'  frithealadh  d'  a  shluagh. 

An  t-OUamh  Domhnull  Mac  Gill-eathain 

An  la  roimh  chuir  ban-charaid  choibhneil 
thugam  an  leabhar  a  bha  air  a  sgriobhadh 
leis  an  Urramach  G.  N.  M.  Collins,  B.D., 
mu  'n  Ollamh  Mac  GUl-eathain  nach  maireann 
a  bha  'n  a  Cheann  air  CoUaisd  na  h-Eaglaise 
Saoire  an  Dun-eideann. 

Tha  mi  toillichte  gu  robh  an  leabhar  so 
air  a  sgriobhadh,  oir  b'  airidh  Domhnull 
Mac  Gill-eathaia  air  cuimhne  a  bhi  air  a 
chumail  air  an  obair  a  rinn  e,  agus  an  t- 
aite-seasamh  a  bha  aige,  chan  e  mhain  anns 
an  Eaglais  Shaoir,  ach  ann  an  co-chomunn 
nan  ealgaisean  uile  anns  an  dtithaich  so 
agus  thar  chuantan.  Fad  iomadh  bliadhna 
b'  esan  a'  bhann  a  bha  eadar  an  Eaglais 
Shaor  agus  comuinn  agus  eaglaisean  eile 
an  taobh  a  muigh  dhi,  air  chor  agus  gu  robh 
cuid  is  p^irt  aige  ann  an  saoghal  a  bu  mhotha 
agus  a  b'  fharsuinge  na  'n  saoghal  anns  an 
robh  an  Eaglais  Shaor  ag  obair  agus  a' 
gluasad.  Ach  air  a  shon  sin,  cha  do  rinn  an 
co-chomunn  a  bha  aige  ri  eaglaisean  eile 
atharrachadh  air  bith  air  fhianuis  no  air 
a  dhilseachd  do  'n  Eaglais  Shaoir,  no  do 
theagasg  aithrichean  Rois  agus  Iain  Calvin. 

Air  Comhairle  no  Comunn  air  an  suidheadh 
e,  bha  e  furasda  oibreachadh  comhla  ris, 
agus  a  bhi  suas  ris,  oir  bha  e  gu  nadurra  'n 
a  dhuine  reidh  glic  d'  am  b'  aithne  a  bhriath- 
ran  a  thomhas.  Agus  a  thuilleadh  air  sin 
bha  e  aoibheil  agus  cairdeil  'n  a  dhoighean. 

Anns  na  bliadhnachan  anns  an  robh 
comhstri  agus  laghaireachd  eadar  an  taobh 
bheag  agus  an  taobh  mhor  de   'n  Eaglais 


AIG  AN  UINNEIG 


Shaoir  Aonaichte  bha  gu  leoir  de  bhriathran 
teth  agus  cas  air  an  labhairt  taobh  air  thaobh, 
ach  ged  b'  eudar  do  'n  Ollamh  Domhnull 
Mac  GUl-eathain  a  roinn  fhein  a  ghabhail 
ann  an  deasbud  nan  laithean  ud  tha  mi  an 
dtiil  nach  d'  thubhairt  e  riamh  aon  fhacal 
a  ghoirticheadh  duine  eile,  no  a  bhiodh 
aithreachas  air  fhein  air  a  shon,  an  deidh 
laimhe.  Ged  sheasadh  e  gu  laidir  agus  giz 
daingean  air  prionnspalan  anns  an  robh 
e  a'  creidsinn  bha  e  daonnan  suairce  agus 
uasal  'n  a  chainnt. 

Cha  ruig  mi  leas  innseadh  air  an  duilleig 
so  mar  dh'  eirich  e  anns  an  Eaglais  Shaoir, 
o  steap  gu  steap  de  'n  fharadh,  gus  mu  dheir- 
eadh  an  do  shealbhaich  e  gach  urram  is 
onoir  a  b'  urrainn  dhi  a  thoirt  dha  ;  da  uair . 
'n  a  Cheann-suidhe  air  an  Ard  Sheanadh: 
agus  greis  m'  an  do  shiubhail  e  'n  a 
Ard-cheann  air  a'  Chollaisd.  Tha  sin  uile 
air  innseadh  gu  cothromach  le  Mghr 
Collins,  d'  an  dhghe  dhuinn  uile  buidheachas 
a  thabhairt  air  son  an  leabhar  ghrinn  so. 
Tha  an  dealbh  a  tha  air  brod  an  leabhair 
oho  coltach  ri  Domhnull  Mac  Gill-eathain 
's  gu  'n  saoil  thu  gu  bheij  e  a'  dol  a  bhruidh- 
inn. 

Bha  e  daonnan  ag  obair ;  cha  mhor 
laithean  anns  a'  bhliadhna  nach  robh  air 
an  cur  gu  deagh  bhuil  leis.  Bha  a  pheann 
deas  agus  dluth  d'  a  laimh  ge  b'  e  aite  am 
bitheadh  e,  agus  theagamh  gu  'n  cuir  an 
cruinneachadh  a  rinn  an  t-Urramach  Domh- 
null Mac  Fhionghuin  air  a  sgriobhaidhean 
ionghnadh  air  moran  dhaoine.  Theagamh 
gu  bheil  cuid  dhiubh  sin  nach  'eil  na  's 
maireannaiche  na  na  briathfan  a  chi  thu 
air  an  duilleig  so  o  mhios  gu  mios,  air  an 
sgriobhadh  an  diugh  agus  ah-  an  dichuimh- 
neachadh  am  maireach.  Chuir  Domhnull 
Mac  Gill-eathain  moran  de  'n  "  aran  laith- 
eil  "  sin  ann  am  Miosachan  na  h-Eaglaise 
Saoire  agus  ann  an  leabhrain  dhiombuain 
de  'n  t-seorsa  sin,  ach  rinn  e  obair  eile  a 
mhaireas  na  's  fhaide.  Ged  nach  do  sgriobh 
e  fhein  ann  ach  an  drasd  's  a  ris  tha  mi  an 
dull  gur  e  an  obair  a  rinn  e  mar  Fhear- 
deasachaidh  An  Raidheachan  Soisgeulach 
an  obair-litreachais  as  tarbhaiche  a  rinn  e 
riamh,  Anns  an  doigh  ud  chum  e  coinneal  an 
lasadh  air  a  bheil  feum  aig  an  t-saoghal  an 
diugh. 

Tha  aon  rud  beag  anns  am  bu  mhaith 
leam  Mghr  Collins  a  chur  ceart ;  ged  nach 
'eil  e  'g  a  radh  air  a  cheann,  tha  e  a'  labhairt 
(air  taobh-duilleig  65)  mar  gu  'm  b'  e  Domh- 
null Mac  Gill-eathain  ceud  roghainn  an 
t-seann  Phrofessor  air  son  na  Cathair 
Gh^idhlig,  air  thoiseach  air  Uilleam  Mac 
Bh^tair.  -  Chan    'eil   sin    fior ;     b'    aithne 


dhomhsa  inntinn  mo  sheana  mhaighstir 
gu  maith  aig  an  ^m  ;  ged  bha  deagh  mheas 
aige  air  Domhnull  Mac  Gill-eathain  cha  do 
rinn  e  ach  "  teisteanas  "  air  son  na  Cathrach 
a  thoirt  dha,  mar  thug  e  do  fheadhainn  eile 
a  dh'  iarr  teisteanas  air.  Bha  fhios  aige 
gu  maith  nach  robh  sgoilear  Gaidhlig  an 
Albainn  cho  maith  ri  UUleam  Mac  Bh^tair 
agus  gur  e  a  gheibheadh  a'  Chathair.  Chan 
'eil  so  a'  ciallachadh  nach  biodh  an  t-Ollamh 
foghluimte  nach  maireann  cho  maith  air 
Gaidhlig  a  theagasg  's  a  bha  e  air  Each- 
draidh'  na  h-Eaglais  a  theagasg. 

An  Raidheachan  Soisgeulach 

Tha  an  Raidheachan  so  a'  cumail  air  mar 
is  abhaist,  a'  feuchainn  ri  beachdan  agus 
teagasg  fallan  a  chumail  beo.  Anns  an 
aireamh  mu  '  dheireadh  gheibhear  seanchas 
mu  'n  bhuaidh  a  tha  aig  a'  chogadh  air 
inntinnean  mhinistearan  agus  air  teagasg 
na  cubaid  ;  seanchas  mu  Leabhar  Aidmheil 
a'  Chreidimh,  a  mhaise  agus  fhaUingean 
ann  an  solus  an  la  an  diugh  ;  seanchas  mu 
'n  t-seana  chuspair,  am  beachd  a  bha  aig 
an  fhear  a  sgriobh  leabhar  lob  air  pian  agus 
fulangas  a'  chruthachaidh — agus  sin  uile 
le  sgoUearan  as  fhiach  eisdeachd  riu.  Is  e 
am  meang  as  motha  a  tha  an  t-Ollamh  Iain 
Mac  Connachie,  an  Dim-deagh,  a'  faicinn 
ann  an  Leabhar  Aidmheil  a'  Chreidimh  gu 
bheil  e  a'  feuchainn  ris  na  nithean  diomhair 
o  shuas  a  tha  anns  an  Sgriobtur,  agus  ann  an 
creideamh  dhaoine  a  tha  air  am  breith  a 
ris,  a  dheanamh  so-thuigseach  agus  soilleir 
do  reuson  mhic  an  duine.  Tha  e  de  'n 
bheachd  gu  robh,  agus  gu  'm  bi  gu  br^th, 
an  Trianaid  agus  an  crann-ceusaidh  agus 
dk  nadur  na  Diadhachd  agus  na  daonnachd 
ann  an  aon  phearsa  'n  an  amaideas  agus  'n 
an  cnap-starra  do  reuson  mhic  an  duine, 
a  chionn  gu  bheil  iad  a'  foillseachadh  saoghal 
eile  agus  firinnean  eile  seach  an  saoghal 
anns  a  bheil  tuigse  nadurra  ag  oibreachadh. 
Ged  nach  biodh  dad  eile  ri  radh  'n  a  fhabhar 
so  ach  gu  bheil  ni-eigin  anns  a'  chruinne  a 
tha  OS  cionn  am  Brains  Trust  bu  chaomh 
leam   a   chreidsinn. 


Mo  lios 


Eirich,  eirich,  a  ghaoth  tuath, 
Eirich,  eirich,  thig  gu  luath; 
Seid  air  feadh  mo  lis  gun  dail 
Ullaich  e  do  fhear  mo  ghraidh. 

Tha  mo  lios  gu  tioram  cruaidh, 
Chan  'eil  spiosraidh  a  falbh  uaith ; 
Seid-sa  air  le  t'anail  bhlath 
Ullaich  e  do  fhear  mo  ghraidh. 


Aireamh  3 


1945 


Ceannard  nan  lomadh  Criin 

BJia  an  searmon  so  air  a  chraobh-sgaoileadh  air  an  Radio  lets  an 
Urramach  Calum  MacLeoid,  M.A.,  sgire  Bhoth-chuidir,  air  maduinn 
na  Sabaid,  an  t-aona  la  fichead  de  mhios  an  FhaoilUch  so  chaidh. 

"Air  a  cheann  tha  moran  chrun." — Taisb.  xix.  12. 


ANNS  an  taisbeanadh  so  a  thug  Dia  do 
Eoin  chunnaic  e  neamh  air  fhosgladh,  agus 
losa,  Fear-a-ghraidh,  air  ardachadh  an 
gloir.  B'  aithne  do  Eoin  e  gu  maith  ann 
an  staid  isleachaidh  air  thalamh  ;  an  uair 
a  bha  e  air  a  dhi-meas  agus  air  a  chur  air 
chill  le  daoine,  'na  dhuine  dhoilgheasan 
agus  eolach  air  bron  ;  an  uair  a  bha  e  air 
a  bhruthadh  air  son  ar  n-aingidheachdan- 
ne  ;  agus  an  uair  a  dh'  fhuiling  e  am  bas 
'nar  n-aite-ne  air  a'  chrann,  agus  a  dh' 
eirich  e  a  rithist.  B'  aithne  do  Eoin  gu 
maith  e  an  staid  isleachaidh  air  thalamh, 
agus  a  nis  tha  e  air  fhoillseachadh  dha  ann 
an  Neamh  mar  Shlanuighear  's  mar  Righ. 
"  Agus  chunnaic  mi,"  ars  Eoin,  "  neamh 
air  fhosgladh,  agus,  feuch,  each  geal ;  agus 
ghoireadh  do'n  ti  a  shuidh  air,  Dileas  agus 
Eior ;  agus  ann  am  fireantachd  tha  e 
deanamh  breitheanais  agus  cogaidh.  Agus 
bha  a  shiiilean  mar  "lasair  theine,  agus  air 
a  cheann  bha  moran  chrtm." 

Chan  ann  'na  thamh  a  tha  e.  Ann  am 
fireantachd  tha  e  deanam.h  breitheanais 
agus  cogaidh.  Thubhairt  bean-uasal  rium 
an  la-roimhe  an  Dun  Eideann  agus  i  air  a 
goirsneachadh  le  staid  an  t-saoghail  agus 
oilltealachd  a'  chogaidh.  "  0,"  ars  ise, 
"  chan  'eil  mise  ag  creidsinn  gu  bheil  gnoth- 
ach  sam  bith  aig  Dia  ris  a'  chogadh,  agus 
nach  'eil  maith  sam  bith  a  bhith  ag  urnuigh 
ris  st'ad  a  chur  air."  A  charaid,  chan  'eil 
an  sin  ach  aineolas  air  Facal  Dhe — "Ann 
am  fireantachd  tha  e  deanamh  breitheanais 
agus  cogaidh  "  ;  agus  tha  e  ag  ard-riaghladh 
OS  cionn  nan  uile,  agus  a'  toirt  buaidh  air 
an  Namhaid  agus  air  an  olc.  Oir  air  a 
cheann  tha   moran   chrim. 

Tha  cuimhne  agam.,  's  mi  'nam  bhalach, 
gun  robh  an  earrann  so  a'  deanamh  dragh 
nach  bu  bheagdhomh.  Cha  robh  mi  a' 
tuigsinn  air  an  t-saoghal  cionnas  a  b'  urrainn 
barrachd  air  aon  chrim  a  bhith  air  ceann 
neach  sam  bith  aig  an  aon  am.     Bha  mise 


a'  smaoineachadh  air  criin,  mar  a  bha  crtm 
a  bhithinn  a'  faicinn  ann  an  dealbh,  dealbh 
crim  an  Righ  no  na  Banrighinn.  Ach 
san  t-seann  aimsir  ud,  san  am  a  bha  an 
Taisbeanadh  so  air  a  dheanamh  leis  an 
Spiorad  Naomh  do  Eoin,  cha  b'e  sin  an 
seorsa  criiin  a  bha  ann  idir. 

Bha  da  sheorsa  criiin  aca  san  latha  ud. 
Bha  stiom — no  ribean — de  dh'  anart,  no 
de  dh'  or,  air  a  chur  timchioll  bathais  neach 
agus  air  a  cheangal  air  ciil  a'  chinn.  B'e 
sin  crtm.  Dh'  fhaodadh  mar  sin  ribean 
a  bhith  air  muin  ribein,  no  crim  air  muin 
criiin,  a  bhith   comhla  air  ceann  duine. 

Bha  seorsa  criiin  eile  aca,  agus  b'e  sin 
steafag  chaol — 'se  steafag  an  dearbh  fhacal 
a  bha  aca  air  sa'^  Ghreugais  cuideachd — 
steafag  chaol  de  chraoibh  oladh,  no  de 
chraoibh  eile,  leis  an  duillich  oirre,  agus 
bha  so  air  a  chur  mun  bhathais  agus  cean- 
gailte  air  ctil  a'  chinn.  Dh'  fhaodadh  moran 
de  na  criiin  so  a  bhith  comhla  air  ceann 
neach    cuideachd. 

Air  ceann  an  t-Slanuigheir  bheannaichte, 
ma  tha,  tha  moran  chrun.  Tha  an  toiseach 
(1)  CRUN  NA  BUAIDHE,  crun  na  buaidh- 
chatha  sa'  chogadh.  Bha  e  'na  chleafhdadh 
aca  san  am  ud — -am  Taisb  aanadh  Eoin — 
an  uair  a  thilleadh  Ceannard  airm  dhachaidh 
as  a'  chogadh,  an  deidh  a'  bhuaidh  a  thoirt 
air  naimhdean  na  rioghachd,  bha  e  'na 
chleachdadh  aca  a  bhith  ag  crimadh  a' 
Cheannard  sin  le  Crim  na  Biiaidhe, 
direach  mar  gun  crimadh  sinn  fhein 
Montgomery  no  Eisenhower  an  deidh 
dhaibh  a'  bhuaidh  a  thoirt  air  ar  naimhdean. 
Tha  an  crim  so,  crim  na  buaidhe,  air  ceann 
losa,  Ceannard  treun  nam  buadh.  Thug 
esan  a'  bhuaidh  air  an  Namhaid,  agus  air 
uile  chumhachdan  an  dorchadais  agus  a' 
pheacaidh.  Tha  mar  sin  a'  bhuaidh  air  a 
toirt  a  cheana  orrasan  a  tha  a'  leantainn  an 
Namhaid  agus  a'  pheacaidh.  Tha  a'  bhuaidh 
a   cheana   air   a   toirt   air   a'   Ghearmailt    's 


CEANNARD  NAN  lOMADH  CRUN 


air  na  rioghachdan  eile  a  tha  an  comh- 
bhuinn  rithe  anns  an  olc  agus  an  aingidh- 
eachd,  agus  a  tha  cogadh  an  aghaidh  Dhe, 
agus  fhirinn  agus  a  Shoisgeil.  Oir  thug 
Criosd  buaidh.  Air  ceann  an  t-Slanuigheir 
tha  criin  na  buaidhe  san  t-seagh  so. 

Ach  tha  doigh  eile  anns  an  tug  e  buaidh. 
Thug  e  buaidh  air  peacaidhean  gach  aon 
againn  a  ghabh  ris,  agus  a  tha  air  a  thaobh. 
Thug  e,  a  charaid,  buaidh  a  mach  dhuit-sa, 
ma  ghabh  thu  ris  mar  Cheannard  's  mar 
Fhear-saoraidh,  thug  e  buaidh  dhuit  air 
namhaid  d'  anama,  agus  air  a'  pheacadh, 
agus  air  a'  bhas  fhein,  agus  air  Ifrinn,  Air 
a  cheann-san  tha  Crun  na  Buaidhe  an 
dr^sda  ann  an  gloir. 

Agus  tha  crun  eUe  air — (2)  an  dara  criin. 
Bha  e  'na  chleachdadh  sa'  latha  ud  cuideachd 
gum  biodh  sluagh  gach  rioghachd  is  dtithcha 
ag  cruinneachadh  an  ceann  a  cheUe  a  h-uile 
ceithir  bliadhna  chum  liith-chleasan  is  fearas- 
chuideachd  a  bhith  aca  ;  agus  measg  gach 
Itith-chleas  is  fearas-chuideachd  a  bh'  ^nn 
bha  an  ceum-toisich  aig  reis,  agus  gu 
sonraichte  aig  reis-carbaid.  Esan  a  chois- 
neadh  a  bhuaidh  san  reis  so  bha  e  air  a  mheas 
mar  laoch  's  mar  ghaisgeach  gus  am  biodh 
an  ath  chruinneachadh  ann  bhadhnaichean 
an  deidh  sin,  agus  bhatar  'ga  chrunadh  le 
crtm— CRUN  NA  REISE.  Air  ceann  an 
t-Sl^nuigheir  tha  crun  na  reise.  Is  esan  an 
t-aon  neach  a  ruith  reis  na  beatha  so  gu 
ceart  agus  gu  coimhlionta.  Thuislich  is 
shleamhnaich  gach  aon  neach  eile  a  ruith 
beatha  an  duine  air  thalamh  ach  e  fhein. 
Ach  tha  crtln  reis  na  beatha,  beatha  naomh 
agus  choimhlionta  airsan.  A  chairdean 
ionmhuinn,  chan  urrainn  dhuinne — dhuit-sa 
agus  dhomhsa — ^reis  na  beatha  so  a  ruith 
gu  ceart  agus  gu  coimhlionta.  Tha  e  eu- 
comasach  dhuinn.  Ach  ma  bheir  sinn  sinn 
fhein  dhasan,  bheir  e  sinn  gu  Crich  ar  reise 
'na  cheartas  agus  'na  choimhliontachd  fhein. 
Air  a  cheann  tha  crun,  crvm  reis -beatha  a 
shluaigh  fhein — a  ruith  e  air  an  son  agus 
n  an  4ite. 

Agus  bha  crim  eile  aca  san  latha  a  bh' 
^nn  (3)  an  treas  crtm— CRUN  NA  H- 
lOBAIRT.  An  uair  a  bhathas  dol  thoirt 
suas  iobairt,  —  uan,  no  caora,  no  meann, 
no  gobhar  anns  nach  robh  gaoid  no  meang — ■ 
bhathas  ag  crunadh  a'  bheathaich  sin  le 
criin,  crun  ris  an  cante  crim  na  h- iobairt. 
Air  ceann  do  Shlanuigheir  tha  an  criin  so 
cuideachd.  Thugadh  esan  do  nach  b' 
aithne  peacadh  gu  bhith  'na  iobairt-phea- 
caidh  air  ar  son-ne.  A  charaid  agus  a 
bhancharaid,  dh'  f hulling  e  'nad  aite-sa. 
Thug  e  an  iobairt-reitich  so  do  Dhia  'nad 
^ite-sa.     Gabh  ris.     Faic  crun  na  h- iobairt 


air  do  shonsa  air  a  cheann.  Aig  toiseach 
bliadhna  eUe — gun  fhios  am  faic  thu  an  ath 
the — thoir  do  chridhe  dha  ;  cuir  romhad 
a  leantainn  agus  seirbhis  a  dheanamh  dha. 
Air  ceann  Fear-ar-graidh-ne  tha  moran 
chrim,  agus  crim  na  h-iobairt-reitich  comhla 
ri  each,. 

Tha  crun  eile  air  cuideachd.  (4)  CRUN 
A'  PHOSAir)H.  Bhathas  ag  crimadh  an 
Fhir-nuadh-phosda  air  latha  a  phosaidh  le 
criin — crim  an  t-subhachais  agus  an  aoibh- 
neis.  Tha  cuimhne  agam  turns  's  mi  cuairt 
ann  an  Island — an  Iceland  mar  a  theirear 
sa'  Bheurla — gun  robh  banais  latha  san 
tigh-osda  anns  an  robh  mi  fuireach.  Tha 
cuimhne  agam  an  t-ionghnadh  a  ghabh  mi 
an  uair  -a  chunnaic  mi  bean-na-bainnse 
agus  i  air  a  crimadh  le  crim  oir.  B'e  so 
crim  a'  phosaidh  's  an  aoibhneis.  Bha  i  air 
a  sgeadachadh  gu  maiseach  agus  gu  h- 
eireachdail  air  gach  d6igh,  agus  eadar- 
dhealaichte  ri  bean-bainnse  a  chunnaic  misa 
roimhe,  ach  so  an  rud  bu  mhotha  a  chuir 
a  dh'  ionghnadh  ormsa  nach  fhaca  a  leithid 
a  riamh — crtm  5ir  os  cionn  clar  a  h-aodainn 
air  a  ceann.  Tha  ni-eigin  dh'  an  t-seorsa 
'nar  measg  fhein  anns  an  steafaig  de  bhl^th 
an  oraingear  a  tha  uarreanan  mar  chrun 
air  ceann  bean-na-bainnse.  Tha  an  crtm 
so  air  ceann  losa  ann  an  gloir.  Oir  ghr^dh- 
aich  Criosd  an  eaglais — sin  thiisa  is  mise 
a  ghabh  ris — ghr^dhaich  Criosd  an  eaglais, 
agus  thug  e  e  fein  air  an  son,  chum  gun 
naomhaicheadh  agus  gun  glanadh  e  i,  chum 
gun  cuireadh  e  'na  lathair  fhein  i  'na  h- 
ealgais  ghlormhor  gun  smal  gun  phreasadh." 
"  Oir  thainig  posadh  an  Uain  agus  dh' 
uUaich  a  bhean  i  fein."  "  Is  leamsa  Fear- 
mo-ghraidh  agus  is  le  Fear-mo-ghr4idh 
mise,"  deir  an  eaglais  san  Dan.  Agus  a  ris, 
"  rachaibh  a  mach  agus  faicibh  Righ  Solamh 
leis  a'  chrtin  leis  an  do  chrtm  a  mh^thair 
e  air  la  a  phosaidh  agus  subhachais  a  chridhe. 
Tha,  a  chairdean  ionmhuinn,  an  crtm  so — ■ 
Crtm  na  Bainnse — air  ceann  Fear-ar-gr^idh- 
ne.  Ghradhaich  e  sinn  le  gradh  siorruidh  ; 
agus  tha  fhios  agad,  a  Thighearna  gur  toil 
leinn  thu.  Air  a  cheann-san  tha  moran 
chrtm,  agus  crtin  na  bainnse  maUle  ri  each. 

Ainmichidh  mi  aon  chrun  eUe  a  th'  air — ■ 
an  coigeamh  crun — CRUN  AN  RIGH.  An 
uair  a  tha  an  Righ  againn  fhein  gu  bhith  ar 
a  chrtmadh,  tha  maithean  is  uaislean  na 
rioghachd  ag  cruinneachadh  chum  an  crun 
a  chur  air  ceann  an  Righ .  Agus  tha  maithean 
is  uaislean  rioghachd  Dhe — sin  thusa  is 
mise  a  ghabh  ri  Criosd  agus  a  tha  deanamh 
seirbhis  dha — tha  iadsan  ag  crtinadh  losa 
le  crun  a  rioghachd.  Is  esan  ar  Righ-ne, 
agus  tha  e  a'  riaghladh  ar  cridhe  agus  a,r 


CEANNARD  NAN  lOMADH  CR^N— AM  FACAL  BEO 


crannchur.  Air  a  cheann  tha  crun  an  Righ, 
agus  e  'gar  dion  bho  'n  nam.haid,  agus  a' 
toirt  dhuinn  sith  is  solas  anama  ;  agus 
aite  'na  rioghachd  air  thalamh  agus  coir 
air  a  rioghachd  air  Neamh.  Air  a  cheann 
tha  cr^n  an  Righ^ — Righ  a  phobuill  fhein — 
agus  e  ag  ard-riaghladh  os  an  cionn,  gu  ro 
naomh  gu  ro  ghhc  agus  gu  ro  chumhachdach. 
Air  a  cheann  tha  moran  chriin. 

A  nise,  so  aon  rud  bu  mhaith  learn  a 
rkdh  sa'  chomh-dhunadh .  Chan  'eil  aon 
ni  aig  Criosd,  chan  'eil  subhailc  no  buadh 
no  beannachd,  chan  'eil  aon  ni  aig  Criosd 
no  ni  a  bhuineas  dha,  ach  ni  a  th'  aige  air 
ar  son-ne,  agus  a  tha  e  a'  buileachadh  oirnn. 
As  a  lanachd-san  fhuair  sinne  uile  agus  gras 
fa  chomhair  grais.  "  A  mhuinntir  nio 
ghraidh,  a  nis  is  sinne  mic  Dhe  ;  agus  chan 
'eil  e  soilleir  f  hathast  ciod  a  bhitheas  sinn  : 
ach  tha  fhios  againn,  'n  uair  a  dh'  fhoill- 
sichear  esan,    gum    bi    sinn   cosmhuil   ris  ; 


oir  chi  sinn  e  mar  a  tha  e."  Chan  'eil  ni 
aige  ach  ni  a  tha  e  buileachadh  oirnne — 
crunaidh  e  sinn,  mar  e  fhein,  le  moran  chrun 
— le  crdn  na  buaidhe,  crun  reis  na  beatha, 
crun  na  h-iobairt,  crun  na  bainnse,  agus 
crun  an  Righ. 

'Se  mhaitheas  dhuit  gu  gr^smhor  caotn 

gach  peacadh  annad  fein, 
'Se  bheir  dhuit  slaint  is  furtachd  fos 

o'd'  eilslaintibh  gu  leir  ; 
Do  bheatha  fos  o  sgrios  a'  bh^is 

'se  dh'  f huasglas  duit  gu  pailt, 
'Se  chrtxnas  thu  le  coran  gr^idh 

's  le  trocair  chaomh  gun  aire. 

A  nis  dhasan  a  ghr^dhaich  sinn,  agus  a  dh' 
ionnlaid  sinn  o  ar  peacaidhean  'na  fhuil 
fein,  agus  a  rinn  righrean  dhinn  agus 
sagartan  do  Dhia  agus  d'a  Athair-san ; 
dhasan  gu  robh  gloir  agus  cumhachd  gu 
saoghal  nan  saoghal.     Amen. 


Am  Facal  be6 

"  An  leabhar  air  nach  'eil  neach  air  bith  eolach." 
Leis  an  Urramach  Niall  Bos,  B.D.,  Cill-a-Rubha,  an  lie. 


So  ainm  leabhair  a  chaidh  a  sgriobhadh, 
ma  's  math  mo  chuimhne,  ann  an  America 
o  chionn  beagan  uine,  agus  a  fhuair  craobh- 
sgaoileadh  farsuinn  anns  an  diithaich  's 
an  deachaidh  a  chlo-bhualadb .  'S  ann  mu 
'n  Bhiobull  a  tha  an  t-iighdar  a  sgriobhadh 
ach  chan  'eil  e  a'  ciallachadh  nach  do  leugh 
duine  riamh  am  Biobull  ach  e  fhein,  no 
eadhon  gu  'n  do  sguir  iad  a  nis  gu  h-iomlan 
d'  a  leughadh.  Ach  tha  e  de  'n  bharail  gu 
bheil  a'  chuid  mhor  air  sgur  agus,  rud  elle 
dheth,  nach  'eil  a  bheag  idir  'g  a  thuigsinn 
cho  math  ris  fhein.  Tha  aon  ni  anns  an 
leabhar  ris  an  cuir  aireamh  nach  beag  an 
aonta,  nach  'eil  am  Biobull  air  a  leughajli 
no  air  a  rannsachadh  mar  is  coir,  agus  ann 
an  iomadh  cearn  nach  'eil  e  air  fhosgladh 
no  air  a  leughadh  idir.  Sin,  co  dhiu,  barail 
seana  mhinistear  a  tha  f hathast  a  lathair, 
agus  a  thug,  ann  an  eisdeachd  caraide 
dhomh  an  spoinneadh  so  air  a  cho-thional 
aige  fhein.  "A!"  ars  esan,  " 's  iomadh 
bumailear  bodaich  eadar  so  is  Goirtean-na- 
h-aona-bha  air  nach  'eil  am  Biobull  na 
's  fhaisge  eadar  da  cheann  na  'bliadhna  na 
cdl  a'  mhaide-cheangail." 

Chan  ann  an  aon  aite  idir,  no  an  diugh 
no  'n  de  a  thoisich  an  dearmad  so  air  an 
leabhar  naomh.  Tha  bean-uasal  ag  innseadh 
dhuinn  gu  'n  do  chuir  i  seachad  cunntas 
bhliadhnachan  ann  an  sgireachd  a  bhuineas 


do  Shasunn,  agus  nach  fhac  i  Biobull  fad 
na  h-uine  sin  ann  ach  a,  h-aon  a  bha  na 
shorchan  fo  shoitheach  fhluraichean  ann  an 
uinneig. 

Dh'  fhaodadh  neach  tigh  no  dha  fhaicinn 
'n  ar  measg  fein  anns  nach  biodh  Biobull 
idir  ged  nach  biodh  e  soirbh  a  dheanamh 
a  mach  ann  an  seotal  cho  dorcha  ri  "  cul 
a  mhaide-cheangail."  Ach  air  a  shon  sin 
an  urrainn  dhuinn  a  radh  gu  bheil  barrachd 
urraim  air  a  chur  air  na  bha  ri  ar  ceud 
chuimhne  leis  na  parantan  a  thog  sinn  agus 
a  bha  stri  ri  ar  teagasg. 

Tha  Mac  Amhlaidh,  am  fear-eachdraidh 
ainmeil,  ag  innseadh  gu  'n  do  leugh  e  ann 
an  seomar  an  Lunnainn  leabhar  Rut  do 
chruinneachadh  mhnathan  a  thainig  air 
cheilidh  air  bean-an-tighe.  Nuair  a  chuir 
e  crioch  air  an  sgeul  thainig  ban-tighearna 
^raidh  agus  thug  i  taing  chridheil  dha. 
"  C  aite  an  d'  fhuair  sibh  an  naidheachd 
eireachdail  ud,"  thuirt  i  ris,  "  is  fhada  o 
nach  cuala  mi  a  leithid  ?  "  Na  'n  robh  Mac 
Amjilaidh  air  feoraich  dhi  an  cual  i  riamh 
iomradh  air  leabhar  ris  an  abrar  am  Biobull 
chan  'eil  teagamh  nach  gabhadh  i  's  an 
t-sroin  e,  mar  gu  'm  biodh  e  a'  togail 
sgainneil  oirre. 

Ach  ann  ar  latha  fein  nuair  a  tha  foghlum 
air  tighinn  gu  airde  neo-chumanta,  na  'm 
biodh  ceann-teagaisg  air  a  thoirt  as  a  cheart 


AM  FACAL  BEO 


leabhar  ud,  no  a  leabhar  loel,  no  as  an 
litir  ghoirid  a  fhuair  Philemon,  air  a'  cheud 
Sabaid,  nach  anns  an  tigh-aoraidh  a  bhiodh 
an  tionndadh  air  duilleagan !  Is  iomadh 
fear  is  te  a  bhiodh  'n  an  eiginn  a'  rdrach 
agus  e  a'  fairtleachadh  orra  amas  air  a  h-aon 
diubh. 

Aobharan  an  dearmaid 

Na  'n  robh  a'  cheisd  air  a  cur  de  's  aobhar 
gu  bheil  aireamh  cho  mor  a'  seachnadh  a' 
Bhiobuill  's  e  an  t-ard  aobhar  gu  bheil 
iad  fhein  agus  an  Leabhar  a  roach  air  a 
cheile.  "  Am  feud  dithis  imeachd  le  cheile 
mur  bi  iad  reidh." 

Tha  am  Biobull  a'  labhairt  an  ni  a  tha  fior 
agus  cha  dean  e  rathad  na  h-f^a"-un  hlachd 
mm  no  socrach  do  ncach  air  bith,  agus  cho 
fad  's  is  toigh  leis  an  duine  gu  nadurra 
"  an  t-slighe  leathann "  agus  cead  a  bhi 
air  a  chomhairle  fhein  chan  'eil  e  iongantach 
ged  nach  bi  cordadh  sam  bith  eadar  e  agus 
leabhar  Dhe. 

A  thuilleadh  air  fin  tha  air  gach  laimh 
leabhraichean  eile  beag  agus  mor  a'  gealltainn 
toil-inntinn  nach  fhaighear  anns  a'  Bhiobull 
idir.  Gheibh  neach  sam  bith  a  tha  tighinn 
beo  air  biadh  a  tha  air  a  mheasgadh  le  poll, 
no  air  a  dheanmh  blasda  le  puinnsean,  a 
mach  gu  bheil  a  chail  do  bhiadh  fallain  air 
a  milleadh.  Agus>  sin  an  ni  a  tha  tachairt 
tuilleadh  is  trie  ann  ar  latha  fein.  Tha 
aireamh  nach  beag  aig  nach  'eil  call  air 
bith  do  sgriobhadh  stolda  no  stuama.  Tha 
an  tlachd  ann  an  rolaistean  nach  creid  neach 
sam  bith  a  ni  feum  d'  a  chiall,  ann  an 
ursgeulan  mu  mheirlich  agus  luchd-reubainn 
nach  tig  a  mach  air  dorus  gun  ghunna  air 
an  leis  ;  ann  am  paipearan  Ian  miomhodh- 
beoil,  no  Ian  dhealbhan  anns  a  bheil  cruth 
dhaoine  air  a  dheanamh  neo-mhaiseach 
agus  cearb  nadurra  a  dh'  fhaodas  a  bhi 
fuaighte  riu  'n  a  cuis-mhagaidh.  Ma  's  e  's 
gu  bheil  aireamh  nach  beag  de  'n  ghinealach 
a  tha  an  drasd  ag  eirigh  suas  gu  bhi  tighinn 
beo  air  a  leithid  so  de  Ion  faodaidh  siiil  a 
bhi  ri  cion  tuigse  agus  cion  stamhnaidh 
anns  na  laithean  a  tha  air  thoiseach  oirnn. 

Tha  moran  de  'n  bheachd  gu  bheil  meas 
aca  air  a'  Bhiobull,  agus  is  math  leo  fios  a  bhi 
aca  gu  bheil  e  'n  aon  tigh  riu,  ach  chan  'eil 
iad  air  son  gu  'n  tig  e  tuilleadh  is  faisg  orra, 
no  gu  'm  bi  e  a'  riaghladh  an  tighe  ann  an 
tomhas  mor  sam  bith.  Chuala  mi  iomradh 
air  seann,  tuathanach  air  an  tainig  dluth- 
eharaid  a  choimhead,  agus  an  deidh  failte 
a  chur  air  a  cheile  gu  cridheil  mar  a  b' 
^bhaist  chuir  iad  seachad  ceibhir  latha  deug 
comhla  gu  cairdeil.  Ach  bha  aon  ni  a'  fagail  an 
t-seann  duine  an  dr^sd  is  a  rithist  frionasach  ; 


bha  a  charaid  cleachte  ri  aoradh,  moch  is 
anm.och,  agus  ged  a  bha  "  riaghailt  "  dheth 
so  math  gu  leoir  bha  e  a'  cur  maille  air  obair 
an  tig^he  aig  am  dripeil  na  bliadhna.  An 
ceann  uine  dh'  fhag  na  cairdean  beannachd 
aig  a  cheile  beagan  astair  o  'n  tigh,  agus 
air  a  thilleadh  dhachaidh  bha  comhradh 
aig  an  tuathanach  ri  nabuidh  a  thachair 
ris  air  an  rathad.  "  Tha  mi  a'  faicinn," 
thuirt  an  nabuidh,  "  gu  'n  d'  fhalbh  bhur 
caraid."  "  Dh'  fhalbh,"  ars  an  seann  duine, 
"  agus  bidh  sith  is  beannachadh  Dhia  's 
an  tigh  o  dh'  fhalbh  e."  Chan  aidicheadh  e 
do  neach  air  bith  gu  robh  leughadh  a' 
Bhiobuill  'g  a  fhagail  corrail,  ach  sid  mar 
a  bha,  agus  sid  mar  a  tha  a  nis  cuideachd. 
Tha  e  ceart  gu  leor  am  Biobull  a  bhi  a  stigh 
ach  tha  e  draghail  a  bhi  'g  a  leughadh  trie 
no  bhi  'g  a  leigeadh  tuilleadh  is  dluth. 

Cabhag  an  Fhoghair 

Tha  e  air  innseadh  mu  dhuine  coir  nach 
'eil  a  nis  a  lathair  gu  'n  do  rinn  e  riaghailt 
anns  an  tigh  nach  biodh  an  t-aoradh- 
teaghlaich  air  a  dhearmad  aig  am  air  bith 
a  dh'  aindeoin  traingeanas  na  h-aimsir.  Air 
maduinn  araidh.  bha  e  aig  an  t-seirbhis  mar 
a  b'  abhaist  ged  a  bha  cuid  de  'n  teaghlach 
an-fhoiseil  gu  'n  robh  uiread  de  'n  mhaduinn 
fhoghair  a'  dol  seachad  diomhanach.  Nuair 
a  chuir  an  t-athair  crioch  air  an  aoradh 
sheall  e  mach  air  an  uinneig  agus  thuirt  e  gu 
robh  e  a'  faicinn  gillean  Sheumais  'ic  Alasdair 
Bhain  a  muigh  aig  an  arbhar.  "  Tha  fios 
gu  bheil,"  fhreagair  aon  de  na  mic,  "  Chan 
ann  a'  leughadh  eachdraidh  Chloinn  Israeli 
a  bha  gillean  Sheumais  'ic  Alasdair  Bhain 
idir  fad  na  maidne  mar  a  bha  sinne."  Bha 
e  leamh  a  bhi  faicinn  chaich  'n  an  cabhaig 
agus  iad  fhein  diomhain  aig  a  leithid  sid 
a  dh'  am.  Ann  an  sealladh  mhorain  tha 
am  Biobull  airidh  air  urram  ach  nuair  a  thig 
e  tuilleadh  is  faisg  air  laimh  agus  a  bhios 
e  a'  cumail  ghnothuichean  air  an  ais  tha 
an  t-am  a  chumail  'n  a  aite  fhein. 

Tha  cuid  a'  leughadh  a'  Bhiobuill  a  tha 
toigheach  air  seann  eachdraidh,  air  seann 
airm,  air  treumhantas  nan  linntean  a  dh' 
fhalbh,  no  air  na  doighean  anns  an  robh 
an  seann  saoghal  air  a  riaghladh.  Tha 
leabhar  sam  bith  air  a  rannsachadh  a  reir 
nan  nithean  anns  a  bheil  an  leughadair  a' 
cur  ard  uigh.  Tha  e  air  innseadh  mu 
Hindenburg  nach  sealladh  e  ann  an  leabhar 
idir  mur  biodh  e  a'  teagasg  dha  "  seoltachd 
a'  stiiiireadh  airm." 

An  dotair  agus  Lebhiticus 

0  chionn  beagan  uine  thachair  aireamh 
de  dhaoine  ion;:siicht3  ann  an  aon  de  na 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


bailtean  mora  air  a  cheile,  agus  dh'  eirich 
a'  cheisd  'n  am  measg  co  a'  chuibhrionn  de 
'n  Bhiobull  anns  am  bu  mho  an  tlachd. 
Thuirt  fear  dhiubh  gu  'n  robh  e  fhein  na  bu 
mheasaile  air  leabhar  Lebhiticus  na  air  gin 
de  chach.  Chuir  so  ionghnadh  nach.  bu 
bheag  air  a'  chuideachd  a  chionn  nach  'eil 
leabhar  anns  a'  Bhiobull  air  a  sheachnadh 
cho  trie,  ach  nuair  a  fhuair  iad  a  mach  gu 
'm  b'  e  ard-lighiche  as  a'  cholaiste  a  bha 
labhairt  cha  robh  an  t-annas  cho  mor.  Tha 
Lebhiticus  a'  bruidhinn  air  anacairean  air 
son  am  bi  daoine  ag  iarraidh  leighis,  air 
biadh  a  tha  air  a  thoirmeasg  agus  biadh 
a  tha  air  a  cheadachadh,  agus  cha  ruig  e 
leas  annas  a  chur  oirnn  ged  bhiodh  an  duine 
so  ag  amharc  air  mar  leabhar  dotaireachd 
o  am  biodh  fiosrachadh  nan  ginealach  a  dh' 
fhalbh  air  fhaotainn  a  mach. 

Ach  tha  ceistean  ann  a  tha  na  's  airde 
na  iad  sin.  Agus  an  uair  a  bhios  sinn  fein 
a'  fosgladh  a'  Bhiobuill  nach  biodh  e  glic 
a  bhi  feoraich  c6  an  earrann  dheth  is  toil 
leinn  a  bhi  a'  rannsachadh  air  tils,  air  eagal 
gu  'm  bi  sinn  a'  seachnadh  An  Neach  a  tha 
OS  cionn  chaich  uile,  agus  a'  call  an  leighis 
air  a  bheil  sinn  uile  a'  cur  feum. 

An  t-slighe  agus  a'  bheatha 

Tha  so  air  a  dheanamh  soilleir  dhuinn  ann 
an  cleachdadh  an  Fhir-shaoraidh  fein.  Chan 
'eil  teagamh  sam  bith  nach  robh  e  a'  cur 
mor-urram  air  gach  pairt  de  'n  Fhacal, 
ach  tha  e  soirbh  fhaicinn  gu  'n  robh  e  air 
a  bheathachadh  na  bu  trice  air  cuid  de  'n 
Fhirinn  na  air  earrannan  eile.  Bu  toil  leis 
a  bhi  gu  minic  ann  an  cuideachd  dhaoine 
fiughail  mar  bha  Maois,  Isaiah,  agus  ughdar 
nan  Salm,  agus  cha  ruig  sinn  a  leas  teagamh 
a  bhi  againn  nach  ann  anns  a'  chomunn 
urramach  ud  a  "  thainig  losa  air  aghaidh 
ann  an  gliocas  agus  am  meudachd  agus  ann 
an  deagh-ghean  aig  Dia  agus  aig  daoine." 


Tha  aireamh  nach  beag  na  's  toighiche 
air  a  bhi  leughadh  leabhraichean  timchioll 
air  a'  Bhiobull  na  bhi  a'  rannsachadh  a' 
Bhiobuill  fhein.  Ach  tha  an  Tighearna  a' 
cur  cudthrom  air  a'  Bhiobull  os  cionn  gach 
leabhar  eile  do  bhrigh  gur  ann  an  so  a  tha 
daoine  a'  tightnn  aghaidh  ri  aghaidh  ris 
fhein,  agus  anns  am  faighear  an  ard-fhianuis 
uime.  Bha  am  ann  anns  an  robh  Clann 
Israeli  a'  liug  air  na  frith-rathaidean  agus 
a'  seachnadh  nan  rathaidean-mora  leis  an 
eagal,  agus  sin  cleachdadh  a  tha  aig  aireamh 
fhathast  mar  an  ceudna  ged  nach  e  gliocas 
barantas  is  aobhar  dha. 

'S  e  an  rathad  mor  as  sabhailte  agus  as 
cinnfciche,  agus  neach  air  bith  leis  am  miann 
a  cheann-uidhe  dheanamh  a  mach  so  an 
rathad  as  trice  air  am  bi  e  a'  coiseachd. 

Is  e  cleachdadh  glic  a  bhi  ann  an  cuideachd 
dhaoine  fiughail  bho  a  bheil  briathran 
blasda  reidh  agus  cothromach  air  an  cluinn- 
tinn.  Agus  c'  aite  am  faigh  sinn  comunn 
cho  aoidheil  cairdeil  ri  daoine  mora  an  t- 
seann  Tiomnaidh  agus  an  Tiomnaidh  Nuaidh; 
daoine  gun  doicheall  gun  ghruaim  nach 
diult  comhairle  aig  am  no  ann  an  suidheach- 
adh  air  bith  ;  ullamh  gu  stiuireadh  ;  dileas 
gu  cronachadh  ;  caom.h  ris  an  fheumach. 
Cha  robh  neach  dhiubh  gun  choire,  ach  b' 
aithne  dhaibh  an  cainnt  a  thaghadh  ann  am 
fianuis  an  Ti  "a  dh'  eisdeas  urnuigh,"  agus 
an  lathair  an  co-chreutair  ;  maise  a  chur 
air  an  smuaintean  ann  am  briathran  agus 
ann  an  gniomharan  maiseach.  Agus  ma 
bhios  sinne  gu  minig  ann  an  comunn  nan 
daoine  rioghal  ud  gheibh  sinn  a  mach  gu 
'm  bi  ar  cainnt  agus  ar  cleachdadh  a'  fas 
taghta  mar  an  ceudna. 

Bu  mhath  leat  gliocas,  firinn,  adh, 
Cum  orra  ghnath  do  shuil ; 
Oir  shonraich  Dia  d'  ar  n-anma  fas 
'Reir  cuideachd  ard  ar  n-iuil. 


Creideamhan  Ne5nach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.A.,  an  Oovan. 
11.  FIANUISEAN  lEHOBHADH 


IS  tearc  na  h-oisnean  de'n  duthaich  so, 
air  Gaidhealtachd  agus  air  Galldachd,  air 
nach  do  thadhail  uair  no  uair-eigin  feadhainn 
dhiubh-san  a  tha  dol  fo'n  ainm  so  "  Fian- 
uisean  lehobhadh  "  {Jehovah's  Witnesses). 

'S  docha  gu'n  d'rainig  aon  no  dithis  do 
dhorus,  a'  reic  air  tasdan,  no  sgillinn  no 
dha,  leabhraichean  beaga,  leis  na  tiodalan 
so^  The  Harp  of  God,  The  Divine  Plan  of 
the  Ages,  Theocracy,  Light,  Life,  Deliverance, 


Creation,  Government,  Reconciliation.  Thub- 
hairt  luchd-reic  nan  leabhraichean  gu'n 
robh  iad  a  mach  bho'n  "  International 
Bible  Students'  Association,"  agus  shaoil 
thusa  gur  ann  bho  Chomunn — -Bhiobull 
Duthchail  na  h-Alba  a  bha  iad.  A  reir 
an  comhraidh  bha  iad  gle  fhiosrach  anns  na 
Sgriobturan.  Sheall  thu  am  broinn  nan 
leabhraichean,  agus  chunnaic  thu  gu'n  robh 
gach  duilleag  loma-14n  de  earrannan  bho'n 


6 


CREIBEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


FhirinB.  A  reir  gach  coltais,  's  e  leabh- 
raichean  maithe  a  bha  an  so  ;  bhiodh  iad 
freagarrach  air  son  leughaidh  air  an  t- 
S^baid.  Agus,  cuideachd,  bha  truas  agad 
ris  na  daoine  coire  a  ghabh  an  dragh  do 
dhorus  a  ruigheachd  le  leabhraichean 
cr^bhach  mar  so.  Agus  bha  na  leabhraich- 
ean saor — deagh  bhargan.  Mar  sin,  chean- 
naich  thu  aon  no  dh^  dhiubh. 

Air  an  ath-Sh^baid,  air  dhuit  tilleadh 
bho'n  Eaglais  agus  an  dinnear  seachad, 
tharruing  thu  do  chathair  suas  ris  an  teine 
agus  thug  thu  l^mh  air  na  leabhraichean. 
Ach  an  deidh  dhuit  leth-dusan  duilleag  a 
leughadh  thoisich  thu  air  amharus  a  ghabhail 
gur  e  teagasg  iir  agus  iongantach  a  bha  an 
so  ;  agus  an  deidh  leth-dusan  duilleag  eile 
bha  do  cheann  'n  a  bhreislich  agus  gun 
fhios  agad  gu  de  idir  a  bha  an  leabhar  a' 
ciallachadh.  Mu  dheireadh  thilg  thu  an 
leabhar  a  thaobh,  ag  radh  riut  fhein,  "  Gu 
de  air  an  talamh  an  neonachas  a  tha  an 
so  ?  " 

B'e  an  ne6nachas  sin,  ma  ta,  teagasg 
Fianuisean  lehobhadh — teagasg  a  tha  a' 
fiaradh  na  Firinn  agus  a'  cur  m6ran  dhaoine 
air  seachran,  oir  tha  na  leabhraichean  sin 
cho  puinseanta  ri  nimh  na  nathrach.  Agus 
ma  tha  gin  dhiubh  fhathast  a  stigh  agad, 
tilg  a  mach  iad  gu  grad. 

Co  iad  a'  bhuidheann  so,  agus  c6  as  a 
thainig  iad,  agus  gu  de  a  tha  iad  a'  teagasg  ? 
Tha  e  soirbh  innseadh  co  iad,  oir  tha  an 
eachdraidh  aithnichte  dhuinn.  Chan'eil  e 
cho  furasda  na  teagasgan  aca  a  chur  sios 
gu  simplidh  soilleir,  oir  chan'eil  annta  ach 
ramasgladh  neonach,  beachd  air  aon  duilleig 
an  aghaidh  beachd  air  an  ath-dhuilleig, 
agus  an  teagasg  an  comhnuidh  ag  athar- 
rachadh. 

Coltach  ri  iomadh  creideamh  neonach 
eile,  thainig  an  creideamh  so  air  tiis  a 
America,  agus  b'e  an  neach  a  thoisich  air 
fear  d'am  b'ainm  Tearlach  Russell  (no 
"  Pastor  Russell  ").  Mar  sin,  theirteadh 
ri  a  luchd-leanmhuinn  "  Russellites,"  ach 
b'e  an  t-ainm  a  chleachd  e  fhein  "  The 
Millennial   Dawn  Movement." 

Rugadh  Russell  ann  am  Pennsylvania 
anns  na  Staitean  Aonaichte  anns  a'  bhliadhna 
1852.  Thainig  e  bho  theaghlach  air  an  robh 
eagal  an  Tighearna,  agus  'n  a  oige  bha 
e  fo  mhor-iomagan  mu  chor  siorruidh  nan 
daoine  ain-diadhaidh.  Bha  e  'n  a  dhragh- 
anma  dha  a  bhi  smuaineachadh  gu'n  cuireadh 
sluagh  gun  Mreamh  seachad  an  t-siorruidh- 
eachd  ann  an  lasraichean  ifrinn.  Anns  na 
sia  mile  bliadhna,  a  reir  a  bheachd,  bho'n 


chruthaicheadh  an  duine  air  an  talamh, 
bha  e  a'  meas  gu'n  robh  142,000,000,000,000 
anam  a  chaidh  do  ifrinn  ;  agus  bha  so  'n 
a  uallach  uamhasach  air  a  chridhe.  Gach 
oidhche  Shathurna  ann  am  baile  Pittsburg, 
far  an  do  chuir  e  seachad  oige,  rachadh  e 
mach  le  pios  cailc  'n  a  l^imh  a  sgriobhadh 
air  na  ballaichean  rabhaidhean  do  dhaoine 
dol  do'n  eaglais  air  an  t-S4baid  a  chum  's 
gu'n  teicheadh  iad  bho'n  fheirg  ri  teachd. 

Rinn  Russell  rannsachadh  mionaideach 
air  na  Sgriobturan,  agus  mu  dheireadh 
thainig  e  gu'n  chomh-dhiinadh  nach'eil 
steidh  sam  bith  ann  am  Focal  Dhe  air  son 
an  teagaisg  gu'm  bheil  anam  neo-bh^smhor 
aig  gach  neach.  Lion  so  e  le  g^irdeachas, 
oir,  mur'eil  an  duine  neo-bhasmhor,  chan 
urrainn  ifrinn  idir  a  bhi  ann.  Mu  aois 
fie  head  bliadhna  thoisich  e  air  na  beachdan 
ura  so  a  shearmonachadh,  agus  fhuair  e 
eisdeachd  bho  mhoran  an  America.  An 
sin  'chaidh  e  air  adhart  gu  beachdan  eile  a 
tharruing,  air  leis,  bho'n  Bhiobull — beachdan 
mu  Dhia  agus  mu  Chriosd,  mu  chursa 
eachdraidh  an  t-saoghail,  agus  mu  Ath- 
theachd  Chriosd.  Ann  a  a  1884  shuidhich 
e  "  The  Watch  Tower  Bible  and  Tract 
Society,"  agus  an  1886  thoisich  e  ri  leabh- 
raichean a  chut  a  mach  fo'n  ainm,  Studies 
in  the  Scriptures.  B'e  a'  cheud  leabhar 
The  Divine  Plan  of  the  Ages,  agus  an  ceann 
uine  bha  moran  leabhraichean  a  mach 
fo'ainm,  agus  iad  'g  an  reic  'n  am  muilhonan. 

Shiubhail  Russell  am  fad  's  am  farsuing  an 
America,  a'  searmonachadh  an  t-soisgeil  ur 
so  aige,  agus  chuir  e  mach  moran  de  a 
luchd-leanmhuinn  a  shearmonachadh  agus 
a  reic  a  chuid  leabhraichean.  Sgaoil  a 
luchd-leanmhuinn  agus  a  leabhraichean  air 
feadh  an  t-saoghail,  agus  rainig  iad  an 
diithaich  so,  agus  rinn  Russell  torr  airgid 
dha  fhein,  agus  bha  eaglais  mhor  aige  ann 
an  New  York. 

Ged  a  bha  gibhtean  soruruichte  aige, 
's  e  duine  neo-fhoghluimte  a  bh'ann,  Cha 
robh  e  riamh  an  Colaiste,  agus  ged  a  ghair- 
meadh  "  Pastor  "  dheth  chan  e  ministear 
laghail  no  dligheach  a  bh'ann — 's  e  sin, 
cha  d 'fhuair  e  ughdarras  bho  eaglais  sam 
bith.  Na's  miosa  na  sin,  cha  robh  a  chaithe- 
beatha  ro  bheusach.  Fhuair  e  e  fhein 
barrachd  is  aon  uair  an  lamhan  an  lagha. 
Rinneadh  ioma^dh  casaid  air,  agus  fhuair 
a  bhean  dealachadh  laghail  bhuaith,  a 
chionn  e  bhi  'n  a  adhaltranach. 

Ann  an  1916  fhuair  Russell  hka,  agus 
goirid  an  deidh  sin  chaidh  a  luchd-leanmh- 
uinn a  mach  air  a  cheile,  agus  dhealaich 
iad  'n  an  d^  bhuidheann.     B'iad  a'  bhuidh- 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


eann  a  bhris  air  falbh  an  fheadhainn  ris 
an  abrar  The  Associated  Bible  Students' 
Association,  agus  ged  a  tha  aireamh  dhiubh 
's  an  diithaich  sochan'eil  iad  cho  lionmhor 
no  cho  dian  ri  "  Fianuisean  lehobhadh." 

Ghabh  a'  mhor-chuid  de  na  "  Russellites  " 
an  t-ainm  International  Bible  Students' 
Association,  acb  an  1931  dh'  fhoillsicheadh 
dhoibh  le  Dia  (air  leotha)  gur  e  an  t-ainm 
ceart  aca  Jehovah's  Witnesses — "  Fianuisean 
lehobhadh."  'Se  so  an  t-ainm  as  fhearr 
leotha,  agus  cha  toil  leotha  idir  "  Russell- 
ites "  a  rMh  riutha  a  nis,  agus  chan  iongh- 
nadh  sin  an  uair  a  chuimhnicheas  sinn  an 
seorsa  duine  a  bha  ann  am  Pastor  Russell. 

An  deidh  bas  Russell  b'e  an  ceann-suidhe 
a  bh'aig  na  "  Russellites  "  fear-lagha  Ameri- 
canach  ris  an  abrar  "Judge  Rutherford," 
ged  nach  e  breitheamh  a  bh'ann.  Thainig 
Rutherford  do'n  diithaich  so  Aireamh  uairean 
agus  ghleidb  e  coLnneamhan  mora  an 
Lunnainn  's  an  Glaschu  's  an  aitean  eile. 
Sgriobh  e  m6ran  leabhraichean,  'n  am  measg 
''  The  Harp  of  God,"  arms  am^  bheil  e  a' 
mineachadh  teagasg  Russell  agus  a'  cur  ris. 
Gle  thric,  anns  na  bailtean  mora  gu  son- 
ruichte,  chithear  na  "  Russellites  "  a  mach 
air  an  t-sraid  air  maduinn  na  S^baid  agus 
gramophone  mor  aca  air  bara  air  an  cluich 
iad  cliir  air  am  bheil  oraidean  a  liubhair 
Rutherford.  Chaochail  Rutherford,  tha  mi 
am  beaehd,  bliadhna  no  dha  air  ais,  agus 
CO  a  tha  air  an  ceann  a  nis  chan  aithne 
dhomh. 

Gu  de  a  nis  a  tha  na  "  Russellites,"  no 
"  Fianuisean  lehobhadh,"  a'  teagasg  ?  Tha 
iad  a'  teagasg  iomadh  rud  neonach  agus 
leanabail.     So  p^irt  dheth. 

'S  an  toiseach  bha  dithis  mhac  aig  Dia. 
B'e  atnm  a'  cheud  fhir  Michael,  no  "  Logos  " 
(no  am  Focal),  agus  b'e  ainm  an  dara  fir 
Lucifer.  Rinn  Lucifer  agus  buidheann  de 
ainglean  neimh  ar-a-mach  an  aghaidh  Dhe, 
agus  tliilgeadh  a  mach  a  neamh  iad.  Thugadh 
a  nis  mar  ainm  air  Lucifer  an  Satan,  an 
Diabhul,  an  Nathair,  an  Dragon.  Mheall 
Lucifer  (Satan)  Adhamh  agus  Eubh.  Phos 
na  h-ainglean  ain-diadhaidh  nigheanan  dha-. 
oine  (Gen.  vi.  2),  agus  bhuapa-san  rugadh 
famhairean  mora.  Dh'fheuch  Lucifer  (Satan) 
ri  armailt  mhor  de  na  famhairean  a  chruin- 
neachadh  gus  cogadh  an  aghaidh  Dhe, 
ach  chuir  Dia  stad  air  so  leis  an  Dile. 
Shabhaladh  Noah  agus  a  theaghlach  as  an 
tuil  agus  ghlasadh  suas  na  h-ainglean 
ain-diadhaidh  agus  na  famhairean  olc  ann 
an  geimhlibh  fa  chomhair  a'  bhreitheanais 
(faic  ludas  6,  2  Pead.  ii.  4).  Riamh  o'n 
uair   sin   tba    cogadh   gun   stad    eadar   Dia 


agus  Lucifer,  agus  bithidh  gus  an  tig  am 
"  Millennium  " — am  mile  bliadhna  anns  am 
bi  S^tan  ceangailte  (Taisb.  xx.). 

Ann  an  coimhlionadh  na  h-aimsir  chuir 
Dia  a  cheud  mhac,  Michael  no  an  "  Logos," 
a  steach  do'n  t-saoghal  ann  am  pearsa 
Chriosd.  Cha  robh  ann  an  losa  ach  duine 
mar  dhaoine  eile,  agus  's  ann  mar  dhuine 
a  bhasaich  e,  ach  dh'atharraich  Dia  e  gu 
bhi  'n  a  spiorad  neo-fhaicsinneach  d'an 
goirear   "  Criosd." 

Tha  gach  duine  basmhor.  Tha  na  mairbh 
da  rireadh  marbh  ;  chaidh  iad  a  bith. 
Ach  an  uair  a  thig  Criosd  a  rithisd  do'n 
t-saoghal,  beothaichear  a  h-uile  neach  a 
bha  riamh  ann  ;  bheirear  dhoibh  cuirp 
fheolmhor ;  agus,  olc  's  'g  an  robh  iad, 
gheibh  iad  uile  cothrom  eile.  ladsan  a 
ghabhas  ris  a'  chothrom  so,  bithidh  iad  beo 
gu  siorruidh  air  an  talamh  so,  ag  itheadh 
's  ag  61.  ladsan  a  dhitiltas  an  cothrom  tir, 
cuirear  a  bith  iad,  oir  chan'eil  siorruidh- 
eachd  ann  dhoibh. 

Thoisich  am  "  Millennium  "  's  a'  bhliadhna 
1874,  agus  da  fhichead  bHadhna  an  deidh 
sin  thainig  Criosd  air  ais  do'n  t-saoghal  so — 
ann  an  1914 !  B'e  sin  a'  bhliadhna  (a  reir 
nan  "  Russellites  ")  anns  an  do  chuireadh 
as  do  rioghachdan  an  t-saoghail  so  agus 
shuidhicheadh  'n  an  Mte  Rioghachd  Chriosd. 
Mar  sin,  tha  sinne  bed  anns  a'  "  MhUlennium" 
a  nis !  Co  a  shaoileadh  e  ?  Uair  sam  bith 
faodaidh  Criosd  na  mairbh  uUe  ath-bheoth- 
achadh  agus  cothrom  eile  a  thoirt  dhoibh. 
Agus  chan'eil  ach  aon  ddigh  air  gabhail  ris 
a'  chothrom  so — 's  e  sin  le  bhi  gabhail  ri 
teagasgan  Russell  agus  Rutherford  agus 
a  bhi  air  ar  n-aireamh  am  measg  "  Fianuisean 
lehobhadh."  Mar  sin,  is  i  sluagh-ghairm 
mhor  nan  "  Russellites  "  "  Tha  na  muillionan 
beo  an  diugh  nach  fhaigh  am  b4s  am  feasd  !  " 
Le  sin  tha  iad  a'  ciallachadh,  chan  i  a' 
bheatha  mhaireannach  anns  an  t-saoghal 
spioradail,  ach  beatha  chorporra  a  mhaireas 
gu  siorruidh  anns  an  dearbh  shaoghal  so ! 

A  reir  nan  "  Russellites,"  is  iad  na  h- 
eaglaisean  (an  da  chuid  Papanach  agus 
Prostanach)  na  h-innealan  mora  a  tha  aig 
Satan  gus  daoine  a  mhealladh.  Tha  na 
sagartan  agus  na  ministearan  a'  cumail 
dhaoine  ann  an  aineolas  air  Focal  Dhe  agus 
'g  am  mealladh  le  bhi  a'  teagasg  gu'm  bheil 
anam  neo-bhasmhor  aig  gach  neach  agus 
gu'm  bheil  tri  Pearsachan  anns  an  Diadh- 
achd. 

Sin,  mata,  an  seorsa  ramasgladh  agus 
toibheum  a  tha  "  Fianuisean  lehobhadh  " 
a'  teagasg  mar  shoisgeul,  agus  mar  thoradh 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


air  sin  tha  iad  an  aghaidh  gach  iighdarrais 
thalmhaidh.  agus  a'  diiiltadh  timhlachd  do 
laghannan  gach.  duthcha.  'S  trie  a  chithear 
's  na  paipearan  cunntas  air  feadhainn 
dhiubh  a  bhi  dol  do'n  phriosan  air  dhoibh 
a  bhi  a'  diultadh  obarr  no  seirbhis  sam  bith. 
a  dheanamh  do'n  Stait. 

Car  son  a  tha  daoine  ag  eisdeachd  riutha 
agus  'g  an  leantuinn  ?  Tha,  do  bhrigh 
's  gu'm*  bheU  daoine  ch.o  aineolach.  air  an 
Fhirinn,  agus  fhathast  tha  acras  is  tart 
orra  air  son  creidimh  air  chor-eigin.  A 
rithisd,  a  chionn  's  gu'm  bheil  moran  ann 
nach'eil  air  son  creidsinn  gu'm  bheil  peanas 
a'  leantuinn  air  a'  pheacadh.  Dhoibh-san 
tha  an  seorsa  teagaisg  so  mar  chluasag 
shocair.  Ach  tha  an  cruinne-ce  air  a 
chroehadh  air  laghannan  anns  am  bheU 
peanas  a'  leantuinn  air  briseadh  an  lagha. 
Tha  sin  fior  's  an  t-saoghal  nadurra,  agus 
tha  e  fior  's  an  t-saoghal  spioradail.  Chan'eil 
dol  as  ann  bho  pheanas  spioradail  ach  tre 
ghr^s   shl^inteil   Chriosd. 

Bho'n  chunntas  a  thug  mi  air,  bithidh  e 
soilleir  do  gach  neach  a  tha  fiosrach  anns 


na  Sgriobturan  cho  fada  air  seachran  's 
a  tha  teagasg  nan  "  Russellites."  Cha 
ruigear  a  leas  uine  a  chosg  air  na  teagasgan 
aca  a'  sgrudadh  gu  mionaideach  ann  an 
solus  Focal  Dhe.  Deanadh  gach  leughadair 
sin  air  a  shon  fhein.^  Is  leoir  am  beachd  a 
tha  aca  air  an  Tighearna  losa  Criosd  gu 
bhi  nochdadh  cho  mearachdach  agus  cho 
toibheumach  's  a  tha  an  teagasgan.  Tha 
iad  ag  aicheadh  na  Trianaid  ;  tha  iad  ag 
aicheadh  Fior-Dhiadhachd  agus  Fior- 
Dhaonnachd  Chriosd  ;  tha  iad  ag  aicheadh 
Ais-eirigh  Chriosd.  Chan'eil  dad  aca  ri 
radh  mu'n  t-Slainte  a  choisinn  Criosd  agus 
mu'n  Reite  a  rinn  e  do  pheacaich  air  a' 
Chrann. 

Chan'eil  ach  aon  doigh  air  seasamh  an 
aghaidh  nan  "  Russellites  "  agus  seorsachan 
eile  mar  sin,  agus  's  e  sin  le  sinn  fein  a  bhi 
'nar  fiannuisean  firinneach  air  Soisgeul 
Glormhor  Chriosd,  le  barrachd  eolais  fhao- 
tainn  air  gu  de  a  tha  Dia  da  rireadh  ag  radh 
'n  a  Fhocal,  agus  le  dilseachd  a  bhi  deanamh 
aithnichte  do  dhaoine  eile,  le  ar  bilean  's 
le  ar  beatha,  nithean  Dhe  anns  am  bheil 
sinn  a'  creidsinn. 


Cumha  Dhaibhidh 


THA  mais'  an  t-sluaigh  air  beanntaibh  garbh 

Ghilboa  sint'  gun  treoir  ; 

Oir  thuit  ar  gaisgich  chumhachdach 

An  aird'  an  trein'  's  an  gloir  ; 

Na  cluinnte  'n  Gat  no  'n  Ascelon 

Gur  h-iosal  cinn  nan  sonn, 

Mu   'n  deo-n  na  h-oighean  Philisteach 

'N  ar  bron-ne  uaill  le  fonn. 

A  shleibhtean  kvd  Ghilboa 

Na  sileadh  oirbh  gu  brath 

'S  an  earrach  frasan  gealltanach, 

No  druchd  's  an  t-samhradh  bhlath ! 

Oir  's  ann  an  sin  chaidh  sgiath  an  righ 

A  thilgeadh  sios  le  tair 

'S  a  luidh  am  measg  nam  miltean  marbh 

Corp  uasal  ungt'  an  t-s&ir. 


Bha  bogha  buadh'or  lonatain 

Air  thoiseach  anns  gach  cas  ; 

'S  air  thus  bha  claidheamh  millteach  Shauil 

'S  'na  lorg  chaidh  sgrios  is  bas  ; 

Mar  fhir-eoin  luath,  mar  leogh'naibh  treun 

Maraon  bha  'm  beatha  chaoimh  ; 

'S  a  nis  'n  an  suain  tha  'n  righ  's  a  mhac, 

Neo-sgairte,  taobh  ri  taobh. 

A  nighnean  Israeli  deanaibh  caoidh 
Air  son  nan  gaisgeach  mor, 
A  dh'  eudaich  sibh  le  sgarlaid, 
Is  a  chrim  'ur  cinn  le  h-6r ! 
0  !  lonatain,  mo  bhrath'ir  ad  dheidh 
Is  goirt  mo  dheoir  's  mo  chradh ! 
Oir  b'  iongatach,  thar  gaol  nam  ban, 
'S  bu  taitneach  dj-omh  do  ghradh. 


Cionnus  mo  chreach  !  air  beanntaibh  ard 

Ghilboa  thuit  na  s^ir  ! 

An  ^ird'  an  gloir  's  am  moralachd, 

'S  am  builsgein  dian  a'  bhlair  ! 

Cionnus  a  thuit  na  cumhachdaich 

Air  faiche  dheirg  na  stri, 

Is  sint'  r'  an  taobh  tha  sgiath  is  sleagh. 

Am  bogha  's  lann,  gun  chli. 


Aireamh  4 


1945 


Creideamhan  Ne5nach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.A.,  an  Oovan. 
III.    NA  H-ISRAELICH  BHREATUNNACH 


MA  tha  "  Fianuisean  lehobhadh.  "  guineach 
an  aghaidh  nan  eaglaisean,  agus  ag  r^dh 
nach'eil  annta  ach  innealan  Shatain  gus 
daoine  a  mhealladh.,  chan  ann  mar  sin  a  tha 
"  na  h-Israelich.  Bhreatunnach "  {British 
Israelites).  Tha  iad  so  air  an  deanamh  suas 
de  dhaoine  an  taobh  a  stigh  nan  eaglaisean, 
agus  'n  am  measg  tha  moran  mhinistearan 
is  pearsachan-eaglaise.  Tha  moran  dhiubh 
anns  an  Eaglais  Shasunnaich,  ach  gheibhear 
feadhainn  cuideachd  am  measg  mhinistearan 
is  bhuUl  Eaglais  na  h-Alba  agus  eaglaisean 
Prostanach  eile.  Tha  moran  de  ard- 
oifigearan  an  airm  mar  an  ceudna  a'  lean- 
tuinn  an  teagaisg  so. 

Is  pailt  na  leabhraichean  a  tha  sgriobhta 
mu'n  teagasg  so,  agus  gheibhear  aireamh 
leabhraichean  a  tha  a'  cur  'n  an  aghaidh. 
Cha  cheadaich  riim  dhuinn  14n-sgrudadh  a 
dheanamh  air  a'  chuspair,  ach  faodar  na 
pongan-teagaisg  aig  na  h-Israelich  Bhreatun- 
nach a  chur  sios  gu  h-aithghearr  : — ■ 

(1)  Is  e  lompaireachd  Bhreatuinn  agus 
Staitean  Aonaichte  America  "Israel  Dhe  " 
anns  an  t-saoghal  an  diugh,  do  bhrigh  's 
gu'm  bheil  na  Breatunnaich  is  Americanaich 
air  siolachadh  bho  dheich  treubhan  Israeil 
a  ghiulaineadh  gu  braighdeanas  an  Asiria. 

(2)  Tha  Righ  Bhreatuinn  de  shliochd 
Dhaibhidh  agus  'na  shuidhe  air  cathair- 
rioghail  Dhaibhidh,  agus  mar  sin  tha  e  'n 
a  choimhlionadh  air  a'  ghealladh,  "  Cha  bhi 
gu  brath  a  dh 'uireasbhuidh  air  Daibhidh 
duine  a  shuidheas  air  righ-chathair  tigh 
IsraeU  "   (lerem.   xxxiii.   17). 

(3)  Tha  uile  gheallaidhean  Dhe  do  Israel 
anns  a'  BhiobuU  aon  chuid  air  an  coimh- 
Uonadh  cheana,  no  bithidh  iad  fhathast 
air  an  coimhlionadh,  gu  litireil  do  Bhreatunn 
is  America.  'S  e  sin  gur  e  Breatunn  is 
America  "  Israel  Dhe,"  sluagh  taghte  Dhe, 
air  an  roghnachadh  le  Dia  gu  bhi  craobh- 
sgaoUeadh  an  t-soisgeil  agus  a'  steidheachadh 
Rioghachd  Chriosd  air  an  talamh  so,  mar 
ullachadh  air  son  Ath-theachd  Chriosd  agus 
am  "  Millennium." 

Bonn  an  teagaisg 

Gu  de  am  bonn  air  am  bheil  na  h-Israelich 
Bhreatwuiaph.  a-  togail  nan  -teagasgan  so? 


Tha  iad  a'  tarruing  am  beachdan  a  iomadh 
aite.  As  a'  Bhiobull  tha  iad  a'  togail 
earrannan  a  tha  iad  a'  mi-mhineachadh 
ann  an  doigh  a  fhreagras  orra  fhein,  agus 
duinidh  iad  an  suilean  air  earrannan  eile 
de'n  Sgriobtur  a  tha  an  aghaidh  an  cuid 
bheachdan.  Tha  iad  a'  taice^achadh  gu 
mor  air  eachdraidh  gun  stath  agus  air  seann 
sgeulachdan  faoine.  Tha  iad  a'  sloinneadh 
fhacal  air  doigh  a  tha  gu  tur  leanabail,  agus 
a'  faicinn  ceangail  eadar  nithean  aig  nach'eil 
daimh  sam  bith  r'a  cheile.  Os  cionn  gach 
ni  eUe,  tha  iad  a'  mi-thuigsinn  agus  a'  mi- 
mhineachadh  teagasg  Chriosd  agus  an  Tiom- 
Nuaidh.  Agus  tha  moran  dhiubh  a  tha 
lan-chreidsinn  gu'm  bheU  Biorramaid  Mhor 
na  h-Eiphit  ("  The  Great  Pyramid ")  'na 
fhoillseachadh  air  run-diomhair  Dhe  a  cheart 
cho  math  ris  a'  Bhiobull. 

Gabhamaid  beachd  air  teagasgan  na 
feadhna  so,  agus  faiceamaid  am  bheil  iad 
a  reir  an  Sgriobtuir  agus  a  reir  eachdraidh  ? 

Bha  d^  mhac  dheug  aig  lacob.  Bhuapa- 
san  shiolaich  d4  threubh  dheug  Israeil  a 
chaidh  a  shuidheachadh  an  Tir  Chanaain 
fo  chomannd  loshua.  Bha  treubh  Lebhi 
ri  bhi  'n  an  sagartan  agus  mar  sin  cha 
d'fhuair  iadsan  oighreachd  fearainn,  ach 
roinneadh  treubh  loseph  'na  d4  leth,  a  reir 
's  mar  a  th^inig  iad  bho  mhic  loseiph — 
Ephraim  is  Manasseh.  Rinn  so  suas  Air- 
eamh an  dk  threubh  dheug. 

Shocruicheadh  an  da  threubh  dheug  so 
mar  aon  rioghachd  fo'n  aon  righ — Saul, 
Daibhidh,  is  Solamh.  Ach,  an  deidh  b4s 
Sholaimh,  chaidh  an  rioghachd  a  roinn 
'na  6.k  earrann :  (1)  an  Rioghachd  mu 
Dheas,  no  ludah  (agus  treubh  Bheniamin 
comhla  riutha),  le  lerusalem  mar  cheann- 
bhaile  ;  agus  (2)  an  Rioghachd  mu 
Thuath,  no  Israel  (na  deich  treubhan  eile), 
I     I  Samaria    mar    cheann-bhaile. 

Cha  tainig  an  da  rioghachd  sin  ri  cheile 
gu  br^th  tuilleadh,  agus  fa  dheoidh  chuireadh 
as  dhaibh  le  cheUe.  Anns  an  ochdamh  Hnn 
roimh  Chriosd  thug  na  h-Asirianaich  buaidh 
air  Israel  (no  an  Rioghachd  mu  Thuath), 
agus  ghiiilaineadh  moran  de'n  t-sluagh  air 
falbh  gu  braighdeanas  an  Asiria.  Anns  an 
t-siathamh    linn    roimh   -Chriosd  -thug-    na 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DroGH 


Babilonianaich  buaidh  air  ludah  (no  an 
Rioghachd  mu  Dheas)  agus  thugadh.  air 
falbh  m6ran  de'n  t-sluagh  gu  braighdeanas 
am  Babilon.  Tri  fichead  bliadhna  's  a 
deich  an  d^idh  so  cbeannsaich  Cirus,  Righ 
Phersia,  lompaireachd  Bhabiloin  (a  bha 
roimhe  so  air  Asiria  a  shlugadh  suas),  agus 
fhuair  na  braighdean  cothrom  tilleadb.  do'n 
duthaich  fein,  agus  thill  moran  de  shluagh 
ludah  fo  threorachadh  Esra  is  Nehemiah. 

Ach  gu  de  mu  dheidhinn  nan  deich 
treubhan  as  an  Rioghachd  mu  Thuath  a  bha 
'n  am  brkighdean  an  Asiria  ?  Tha  na 
h-Israelich  Bhreatunnach  ag  radh  gu'n 
d'fhan  iad  cruian  ri  cheile  mar  aon  bhuidh- 
eann,  agus  so  mar  a  tha  iad  ag  innseadh  an 
eachdraidh. 

Beagan  is  tri  fichead  bliadhna  an  deidh 
dhaibh  dol  do  Asiria,  ghluais  na  deich 
treubhan  a  sin  gus  an  aird  an  iar-thuath. 
Gu  miorbhuUteach  threoraich  Dia  iad  troim.h 
abhainn  an  Euphrates  mar  air  talamh  tioram. 
Ghabh  iad  seachad  air  na  beanntan  Caucasus 
gu  taobh  a  deas  Ruisia  ri  taobh  na  h-aibhne 
Dnieper,  tuath  air  a'  Mhuir  Dhubh.  An 
sia  chuir  iad  an  ruaig  air  buidheann  eile  de 
na  deich  treubhan  a  ghluais  a  Asiria  romhpa, 
buidheann  ris  an  abrar  "  Cimmerians." 
Bha  na  deich  treubhan  an  taobh  deas  Ruisia 
aithnichte  do  na  seann  Ghreugaich  fo'n  ainm 
"  na  Sitianaich  "  {Scythians).  Ghluais  na 
*'  Sitianaich "  (no  deich  treubhan  Israel) 
do'n  abhainn  Danube  agus  chomhnuich  iad 
mu'n  abhainn  Sereth  air  son  greis.  As  a 
sin  ghluais  iad  gu  cearnan  an  iar-thuath  na 
h-E6rpa,  far  am  bheil  eolas  againn  orra  mar 
Shasunnaich  ("  Saxons  ")  is  Lochlannaich 
("  Danes  "  is  "  Norsemen  ").  Mu  dheireadh 
r&.inig  iad  Breatunn  ("  eileanan  a'  chuain," 
Isa.  xxiv.  15),  agus  tha  iad  an  so  fhathast, 
ach  a  mh^in  gu'm  bheil  an  sliochd  air 
sgaoileadh  gu  America  agus  gu  cearnan  eile 
de'n  t-saoghal.  Rainig  na  "  Cimmerians  " 
an  duthaich  so  cuideachd,  agus  b'iadsan 
sinnsearan  nan  Cuimreach. 

Bha  treubh  Dan  'n  am  maraichean  (Breith. 
V.  17)  agus  bha  iad  aithnichte  do  na  Greu- 
gaich  fo'n  ainm  "  Danae,"  sptiinneadairean- 
mara.  Sheoil  iad  do'n  SpMnn,  agus  an  sin 
do  Eirinn,  far  am  bheU  iomradh  orra  anns 
na  seann  sgeulachdan  Eirionnach  fo'n  ainm 
"  Tuatha  de  Danaan."  'S  ann  bho  na  h- 
Eirionnaich  so  a  thainig  sluagh  na  h-Alba. 
Mar  sin,  coma  c6  iad,  Sasunnaich  no  Alban- 
naich,  Cuimrich  no  Gaidheil  no  Eirionnaich, 
tha  iad  uUe  de'n  aon  sliochd,  sliochd  nan 
deich  treubhan,  shochd  Israel,  sluagh  taghte 
Dhe.  Mar  sin  is  e  sluagh  Bhreatuinn  is  an 
d^imhean  thar  saile  "  Israel  a  reir  na  feola  " 
agus  's  ann  air  an  sgath-san  a  thugadh  uile 


gheallaidhean  na  Firinn  a  thaobh'  Israeli. 
'S  «  sin  a  dh'fhag  gu'm  bheil  lompaireachd 
Bhreatuinn  cho  m6r  's  cho  l^idir.  Cha 
toir  n^mhaid  buaidh  oirre  gu  br^th.  Thig 
an  t-^m  anns  am  bi  i  a'  riaghladh  thairis 
air  an  t-saoghal  uile.  Sin  agaibh,  ma  ta, 
teagasg  na  feadhna  so,  na  h-Israelich 
Bhreatunnach,  agus  tuigidh  sibh  car  son  a 
tha  uibhir  de  luchd-airm  a'  leantuinn  an 
teagaisg  so.  Chan  ann  a  mh^in  le  bhi  a' 
craobh- sgaoileadh  an  t-soisgeil  ach  cuideachd 
le  neart  a  h-armachd  a  bheir  Breatunn 
buaidh  air  an  t-saoghal  ann  an  ainm  Chriosd. 
Teagasg  neo-sgriobturail  agus  teagasg  cun- 
nartach ! 

Am  faidh  leremiah 

Ach  tha  barrachd  na  sin  aig  na  h-Israelich 
Bhreatunnach   ri   radh. 

Theich  am  faidh  leremiah  do'n  Eiphit, 
a'  toirt  leis  dithis  nigheanan  an  righ  Sedeciah 
(oir  b'e  fhein  an  seanair).  As  an  Eiphit 
thainig  leremiah  agus  "  Tea  Tehpi,"  te 
de  na  bana-phrionnsaishan  sin,  do  Eirinn, 
a'  giiilan  leotha  aire  a'  choimh-cheangail 
agus  cluasag  lacoib,  a'  chlach  air  an  do 
chaidil  e  aig  Betel.  Tha  iomradh  air 
leremiah  fo'n  ainm  "  011a  Fodhla "  anns 
na  sgeulachdan  Eirionnach.  Phos  "  Tea 
Tephi  "  Heremon,  prionnsa  Eirionnach  de 
threubh  Dhan,  agus  's  ann  bhuapa-san  a 
thainig  teaghlach  rioghail  na  h-Alba  agus 
teaghlach  rioghail  Bhreatuinn  agus  an  Righ 
Seoras  VI  a  tha  nis  a'  riaghladh.  Agus 
nach'eil  cluasag  chloiche  lacoib  fo'n  chathair- 
rioghaU  an  Lunnainn  a  nis  ?  'S  iomadh 
car  a  chuir  a'  chlach  so  dhith  bho'n  oidhche 
air  an  do  chaidil  lacob  gu  an-shocrach 
oirre !  Ghiiilaineadh  i  gu  braighdeanas  na 
h-Eiphit,  agus  air  ais  troimh  'n  fh^sach. 
Nach'eil  Pol  a'  labhairt  m'a  deidhinn  ? — 
"  dh'61  iad  de'n  charraig  spioradail  sin  a 
lean  iad,"  1  Cor.  x.  4 — so  mar  a  tha  cuid  de 
na  h-Israelich  Bhreatunnach  'ga  thuigsinn, 
ach  tha  iad  a'  di-chuimhneachadh  gu'm 
bheil  Pol  ag  r^dh,  "  B'i  a'  charraig  sin 
Criosd."  Ghitdaineadh  a'  chlach  do'n  Eiphit 
a  rithisd  le  leremiah,  agus  a  sin  do  Eirinn, 
agus  a  sin  do  Albaion,  agus  ghoid  an  Righ 
Eideard  I  as  a  sin  i,  agus  mar  sin  rainig  i 
Lunnainn. 

Tha  torr  mor  eile  de  nithean  iongantach 
a  dh'fhaodamaid  a  thoirt  am  follais  bho 
leabhr^ichean  nan  Israelach  Breatunnach, 
ach  foghnaidh  sin.  Is  leoir  a  radh  riutha-san 
leis  am  miann  a  bhi  sloinneadh  fhacal,  gu'm 
bheil  am  facal  "  Saxon "  a'  ciallachadh 
"  (I)saac's  son,"  agus  "  British  "  a'  ciallach- 
adh "  Berith-Ish "  no  "Fear  a'  Chixmh- 
naint  "  (a  reir  na  h-Eabhra  iongantaich  a 
dh'ionnsaich  na  h-Israelich  Bhreatunnach), 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


'N  an  ceadaicheadh  rum  dh'fhaodamaid 
rud-eigin  innseadh  mu'n  teagasg  a  th'aca 
mu'n  ^m  ri  teachd.  Tha  iad  ag  r^dh  gu'm 
bheil  "  Gomer  "  's  an  t-Seann  Tiomnadh  a' 
ciallachadh  na  Gearmailt,  agus  "  Gog " 
Ruisia,  agus  "  Togarmah  "  an  Tuirc  (Esek. 
xxxviii,  xxxix).  Tha  an  latha  a'  tighinn 
anns  am  bi  Israel  Dhe  (na  Breatunnaich  is 
Americanaich)  air  an  aonadh.  ris  na  h- 
ludhaich,  agus  gabhaidh  iad  le  cheile  sealbh 
air  Tir  a'  Gheallaidh,  am  Palestin  ;  agus 
an  sin  theid  a'  GhearmaUt,  Ruisia,  agus  an 
Tuirc  a  chogadh  'n  an  aghaidh  gus  Palestin 
a  thoirt  bhuapa,  agus  cuirear  blar  mor 
Armageddon  ann  am  Palestin,  ach  gheibh 
Israel  is  ludah  (Breatunnaich.  is  American- 
aich is  ludhaich)  a'  bhuaidh  (Taisb.  xx). 

Teagasg  gun  bhunait 

Gu  de  nis  a  their  sinn  ris  an  t-seorsa 
teagaisg  so  ?  A  reir  m'fhiosrachaidh-sa, 
tha  e  doirbh  reusonachadh  riutha.  'S  e 
aon  chomharradh  air  na  ereideamhan  neon- 
ach  air  am  bheil  sinn  ag  iomradh,  aon  uair 
's  gu'm  faigh  iad  greim  air  duine  is  gann 
gu'n  gabh  creideamh  ceart  a  chur  'n  an 
aite.  Tha  e  cho  soirbh  buntata  a  chur  am 
measg  fraoch  an  t-sleibhe  ris  an  t-Soisgeul 
a  chur  ann  an  cridheachan  is  inntinnean 
luchd-leanmhuinn  nan  ereideamhan  neonach. 
Tha  fios  agam-sa  agus  aig  iomadh  ministear 
eUe  air  sin  :  tha  feadhainn  de  na  h-Israelich 
Bhreatunnach  'n  am  choimhthional  an 
ceartuair.  Ach  feumaidh  sinn  freagairt  a 
thoirt  dhaibh,  air  sgath  na  muinntir  a  tha 
an  cunnart  a  bhi  air  am  mealladh  leotha. 

Co  as  a  dh'eirich  an  creideamh  neonach 
so  ?  Ma  tha  e  f ior,  car  son  a  bha  e  cho 
fada  gun  tighinn  am  follais  ?  Ma  thainig 
Chriosd  a  thoirt  soluis  dhaibh-san  a  tha  an 
dorchadas,  car  son  a  leigteadh  seachd  suas 
ri  da  mhile  bliadhna  mus  d'fhuaireadh 
eolas  ceart  air  c6  iad  d'am  bheil  geallaidhean 
Dhe  air  an  toirt  's  a'  Bhiobull  ? 

Dh'eirich  an  teagasg  so  an  toiseach  bho 
dhuine  a  chuir  seachad  a  l^ithean  deireannach 
anns  an  tigh-chuthaich.  B'e  sin  Richard 
Brothers,  oifigeach  an  cabhlach  Bhreatuinn, 
a  chaochail  ann  an  1824.  Chuir  e  mach 
coig  leabhraichean  deug  a  dhearbhadh  gu'm 
bheil  na  Sasunnaich  de  shliochd  Israeil, 
agus  thuirt  e  gu'm  b'e  fhein  mac  br^thar 
an  Tighearna  Dia,  agus  Prionnsa  nan 
Eabhruidheach,  de  theaghlach  Dhaibhidh, 
agus  gu'n  tainig  e  a  threorachadh  Israeil 
gu  Tir  Chanaan.  Ach  an  uair  a  dh'eug  am 
fear-cuthaich  so,  cha  do  stad  an  cuthach  ; 
agus  tha  iad  lionmhor  an  diugh  a  tha  a' 
toirt  maslaidh  do'n  Fhlrinn  ann  an  sealladh 
dhaojne  reusonta,  agus  a'  deanamh  an  t- 
SoisgeU  'na  bhall-sp6r8  do  na  h-ana-creidich, 


leis  an  t-seorsa  teagaisg  air  an  do  thoisich 
Brothers,  agus  a  tha  na  h-Israelich  Bhrea- 
tunnach a'  cumail  air  adhart. 

(1)  Cha  deachaidh  na  deich  treubhan 
riamh  air  allaban,  mar  a  tha  na  h-Israelich 
Bhreatunnach  ag  rMh.  Tuigear  o'n  Bhiobull 
nach  tug  na  h-Asirianaich  air  falbh  ach 
pairt  de'n  t-sluagh,  is  dh'fh^gadh  a'  mhor- 
chuid  far  an  robh  iad.  Am  measg  na  feadhna 
nach  tugadh  air  falbh  shuidhich  na  h- 
Asirianaich  coigrich  a  tirean  eile,  agus  phos 
iad  am  measg  a  cheile,  agus  's  ann  bho'n 
t-sluagh  mheasgaichte  so  a  thainig  na 
Samaritanaich.  Dhiubh-san  a  thugadh  air 
falbh,  dh'fhan  moran  ann  an  Asiria  's  na 
diithchannan  mu'n  cuairt  (mar  a  tha  am 
fear-eachdraidh  ludhach,  losephus,  ag  inn- 
seadh) ;  thill  feadhainn  eUe  comhla  ris  na 
h- ludhaich  is  Esra  is  Nehemiah.  An  deidh 
am  a'  bhraighdeanais  chan'eil  eadar-dheal- 
achadh  sam  bith  air  a  dheanamh  anns  a' 
Bhiobull,  no  an  taobh  a  mach  dheth,  eadar 
na  deich  treubhan  agus  a.n  da  threubh.  Tha 
sliochd  lacoib  uile,  co  dhiu  a  tha  iad  am 
Palestin  no  an  diithchannan  eile,  a'  dol 
fo'n  aon  ainm — "  Israel  "  no  "  na  h-Iudh- 
aich."  Tha  an  da  fhacal  sin  a'  ciallachadh 
sliochd  lacoib  uile,  an  d4  threubh  dheug, 
a  ghleidh  an  seann  chreideamh  agus  a  chum 
am  fuU  glan.  B'iad  na  Samaritanaich 
sliochd  na  p^irt  sin  de  sheann  rioghachd 
Israeil  a  dh'fhan  's  an  tir  agus  a  mheasgaich 
le  cinnich  eUe  ;  agus  ged  a  thuit  iad  air  falbh 
ann  an  tomhas  bho'n  t-seann  chreideamh, 
fhathast  bha  leabhraichean  Mhaois  aca  agus 
aoradh  do  Dhia  Israeil  agus  suil  aca  ri 
teachd  a'  Mhessiah  (Eoin  iv).  Chan'eil  an 
Tiomnadh  Nuadh  an  aite  air  bith  a'  deanamh 
eadar-dhealachadh  eadar  na  deich  treubhan 
agus  an  da  treubh.  'S  e  an  aon  eadar- 
dhealachadh  a  gheibhear  's  an  Tiomnadh 
Nuadh  an  t-eadar-dhealachadh  eadar  na 
ludhaich  (n'o  Israelich)  a  bha  fhathast  am 
Palestin  agus  an  fheadhainn  a  bha  sgapte 
air  feadh  an  t-saoghail  (1  Pead.  i.  1,  Seum. 
i.  1,  Gniomh  ii.,  X3£vi.  7).  Tha  na  h- 
Israelich  Bhreatunnach  a'  togail  briathran 
Chriosd  mu  "  chaoraich  chaillte  tigh  Israeil  " 
(Mata  X.  6,  xv.  24),  agus  ag  rMh  gu'm  bheil 
so  a'  ciallachadh  nan  deich  treubhan, 
sinnsearan  nan  Sasunnach.  Ach  cha  b'ann 
do  Shasunnaich,  no  Sitianaich,  no  Ceiltich, 
a  bha  Criosd  agus  a  dheisciobuU  a'  searmon- 
achadh  aig  an  am,  ach  do  na  h-Iudhaich 
(an  da  threubh  a  tha  fo'n  mhallachd  a  reir 
teagasg  nan  Israelach  Breatunnach).  Tha 
e  soilleir  gu'm  bheil  Criosd  a'  ciallachadh  le 
"  caoraich  chaillte"  iad-san  a  tha  caUlte  gu 
spioradail.  Mar  sin,  chan'eil  bonn  sam  bith  ' 
ann  gu  bhi  teagasg  gu'n  deachaidh  na  deich 
treubhan  air  chall  neo  air  allaban  do'n  Eorpa. 
{Ri  leantuinn) 


A'  Bhancheard 


An  aite  droighne  fasaidh  an  giuihas  agus  an  aite  drisefasaidh  am  miortal. — Isaiah  Iv.  13. 
Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  an  Deibhidk. 


THA  cuimhne  agam  roimh.  an  chogadh  mu 
dheireadh  mar  bhiodh  na  ceardan,  beag  is 
mor,  a'  siubhal  bho  thigh  gu  tigh,  an  am 
an  t-Samhraidh,  air  feadb  nan  eilean.  Cha 
bhiodh  ni  a  chitheadh  iad  nach  iarradh  iad, 
agus  dh'  iarradh  iad  rudan  nach  fhaiceadh 
iad  idir.  Bha  na  mnathan  air  an  oillteach- 
adh  romhpa  oir  mur  faigheadh  iad  na  dh' 
iarradh  iad  mhallaieheadh  iad  an  tigh  agus 
na  bhiodh  'n  a  bhroinn. 

Bean  Chaluim  Ruaidh  agus  a'  bhancheard 

Bha  bean  Chaluim  Ruaidh  agus  Domhnull 
beag  an  gUle  aice  leo  fhein  aon  fheasgar,  oir 
bha  an  duine  aice  a  muigh  ag  obair  air  a' 
ehroit.  Co  chunnaic  i  a'  tighinn  a  nuas 
an  rathad  le  ceum  sunntach  ach  bancheard 
le  eallach  pheilichean  air  a  druim,  piob  'n 
a  beul,  agus  toit  mhath  aice. 

Thuirt  a  mh^thair  ri  Domhnull  beag, 
"  fan  thus'  an  so  agus  theid  mise  am  falach 
am  poll  mona  gus  am  falbh  a'  bhancheard. 
Ma  dh'  fhaighnicheas  i  dhiot  c'aite  bheil 
mise  their  thu  rithe  nach  'eil  mi  aig  an 
tigh." 

Sin  mar  bha  ;  chaidh  bean  Chaluim  a 
mach  air  an  dorus  chuil  agus  rinn  i  air  poU- 
mona  a  bha  dluth  air  an  tigh.  Thainig  a' 
bhancheard  agus  thuirt  i  ri  Domhnull,  "  a 
bheil  do  mhath  air  aig  an  tigh  ?  " 

"Chan   'en,"  arsa  Domhnull. 

."  C'aite  bheil  i,"  ars  ise. 

"  Tha,"  arsa  Domhnull,  "am  poll-m6na 
thall  an  sud." 

"  Ruith  thusa,"  ars  ise,  "far  a  bheil  i, 
agus  abair  rithe  gu  bheU  mise  an  so  agus 
mi  air  son  a  faicinn." 

Dh'  fhalbh  Domhnull  'n  a  dheann  ruith 
chun  a'  phuUl-mhona  agus  liubhair  e  an 
teachdaireachd  cho  cinnteach  ri  bodach. 

Nuair  thainig  bean  Chaluim  air  a  h-ais 
cha  robh  ni  a  shaoil  a'  bhancheard  a  bha 
aice  nach  do  dh'  iarr  i  a  cuid  dheth, — im, 
caise,  aran  coirce,  crioman  tombaca,  briogais 
giuUain,  agus  rud  no  dha  eUe.     - 

Sin  mar  bha  na  ceardan  iiile  aig  an  km. 
ud  a'  tighinn  beo  gu  leisg  ladarna.  Cha 
robh  cur  no  buain,  m^l  no  c^in,  a'  cur  dragh 
orta.  Cha  robh  uallach  ^irigh  no  laighe  orra. 
Cha  bhiodh  ni  'g  an  dith  na  'n  deanadh 
iarxaidh  feum. 


Sine  Wilson 

Am  measg  treubh  de  'n  t-seorsa  dh' 
ainmich  mi  bha  Sine  Wilson,  bancheard 
air  an  do  rainig  gras  Dhe  agus  a  bhios  aig 
an  la  mu  dheireadh  air  aon  de  na  seudan 
luachmhor  a  bhios  ann  an  crtin  an  t- 
Slanuigheir. 

Nuair  thigeadh  Ik  na  S^baid  mu  'n  cuairt 
cha  robh  e  dhith-se  agus  do  na  bha  leatha 
ach  mar  la  eUe  de  'n  t-seachduin.  Cha  robh 
guth  aca  air  Dia  no  air  nithean  spioradail ; 
bha  iad  s^saichte  agus  Ikn  ri^raichte  le 
biadh  is  deoch,  ceol  is  dannsa,  tombaca  gu 
leor  agus  an  diol  cadaU. 

Air  Sabaid  araidh  chaidh  Sine  agus 
prasgan  dhiubh  a  mach  air  sgriob  agus 
iad  cho  toilichte  'n  an  staid.  Nuair  rainig 
iad  aite  Araidh  chual  iad  seuin  a  bha  an 
da  chuid  binn  agus  ceolmhor.  Bha  i  a' 
tighinn  bho  cho-chruinneachadh  m6r  sluaigh 
a  bha  'n  an  suidhe  gu  stolda  air  reidhlein 
uaine  dlMh  do  'n  rathad  mhor.  Chaidh 
Sine  agus  shuidh  i  'n  am  measg  ach  chum 
an  corr  de  na  ceardan  air  an  aghaidh. 

Thachair  gur  e  la  a'  Chomanachaidh  a 
bha  ann  agus  steidhich  am  ministear  a 
theagasg  air  na  briathran  so,  "Is  mallaichte 
gach  neach  nach  buanaich  anns  na  h-uUe 
nithean  a  ta  sgriobhta  ann  an  leabhar  an 
lagha  a  chum  an  deanamh  (Gal.  iii.  10). 

Trioblaid  anma 

Chaidh  na  briathran  so  mar  shaighead 
geur  an  cridhe  Sine  agus  bha  i  fo  iomgain 
mhoir  a  thaobh  a  h-anma.  Theireadh  i 
rithe  fein,  "  Is  mallaichte  gach  neach  nach 
buanaich  anns  na  h-uUe  nithean  a  ta 
sgriobhta  ann  an  leabhar  an  lagha."  •  Thuit 
i  sios  mar  neach  gun  liith  dh'  ionnsaigh  na 
talmhainn,  agus  bha  crith  eagail  anns  gach 
ball  dhith. 

Nuau*  a  chunnaic  an  dorsair  i  shaoil  e  gu 
robh  i  air  mhisg,  no  as  a  ciall,  agus  smeid 
e  air  fear  eile  air  sOn  a  giulan  air  falbh  a 
sealladh  an  t-sluaigh.  An  sin  dh'  innis  i 
dha  mar  bha  i-air  a  bioradh  'n  a  h-anam 
le  briathran  a'  mhinistelr  is  thuirt  i  gu  'm 
bu   chaomh  leatha  am   ministear  fhaicinn. 

Chan  'eil  fhios  aig  neach  gu  de  thuirt  am 
ministear  rithe,  no  gu  de  a  thuirt  ise  ris, 
ach  cha  deachaidh  i  air  ais  do  champ  nan  ce^rd 
tuUleadh.  Dh'  fh^g  i  an  ceard  ud  as  a 
deidh,  agus  chaidh  i  gu  ruig  Sruidhla  far 
an  do  rinn  i  a  comhnuidh,  gus  an  do  chriooh- 
naich  i  a  turus  air  thalamh. 


A*  BHANCHEARD 


Bha  i  daonnan  a'  dol  do  'n  eaglais  agus 
aoh  Ik  chual  i  searmoin  air  a  liubhairt  a 
thug  neart  agus  dochas  ur  dhith.  So  na 
briathran  air  an  robh  e  air  a  steidheachadh, 
"  thigibh.  am  ionnsaigh-sa  sibhse  uile  a  ta 
ri  saothair  agus  fo  throm  uallaich.  agus 
bheir  raise  suaimhneas  dhuibh"  (Mata  xi.  28). 

Dh'  fheuch  i  ri  sasachadh  anma  fhaotainn 
iomadh.  uair  agus  air  iomadh  doigh,  ach  a 
nis  bha  i  a'  cluinntinn  guth  an  Ti  d'  an  leir 
cor  is  feuna  ^ach  creutair  a  chruthaich  e. 
Chreid  i  a  bhriathran  agus  bha  iad  mar 
bhiadh  agus  mar  dheoch  d'  a  h-anam  a  bha 
ocrach  agus  tartmhor.  Dh'  fhoghlum  i 
nach  ann  tre  shaothair  ach  tre  chreideamh 
a  gheibh  sinn  uile  fois.  Is  iomadh  neach 
an  cruaidh  ghleachd  anma  a  thainig  far  an 
robh  i,  agus  a  dh'  eisd  rithe  le  ro  aire,  agus 
i  a'  deanamh  sgeil  dha  air  na  nithean  mora 
a  rinn  Dia  air  a  son.  Bha  i  mar  sholus  a' 
deabadh  an  ionad  dorcha  agus  mar  HH  am 
measg    droighinn. 

A'  tighinn  bed 

Re  iomadh  bHadhna  bha  i  fein  agus  a 
m^thair  aosda  a'  deanamh  beoshlainte  air 
obair  snathaid,  a'  deanamh  badan  eudaich 
do  na  saighdearan  a  bha  an  caisteal  Shruidh- 
la.  Aig  amanan  cha  robh  mor  iarraidh 
orra,  agus  mar  sin  cha  robh  an  teachd-an- 
tir  ach  gle  bhochd.  Aig  amannan  mar  sin, 
an  kite  a  bhi  a'  deanamh  beul-bochd  ri 
daoine,  rachadh  i  air  a  gltiinean  agus  chuir- 
eadh  i  a  staid  an  lathair  an  Athar  Neamh- 
aidh,  agus  bha  i  cinnteach  'n  a  fhreasdal 
bheannaichte  gu  'n  deanadh  e  fuasgladh 
oirre. 

Aig  aon  am  'nuair  bha  i  gle  ocrach  chaidh 
i  mach  gu  ionad  f  ksail  agus  chuir  i  a  cMs  an 
Ikthair  an.  Tighearna  agus  ghuidh  i  air  gu 
'n  torreadh  e  dhith  de  lathaireachd  a  ghraidh 
na  dheanadh  suas  air  son  a  h-easbhuidhean 
corporra  gu  leir.  Dh'  innis  i  fein  d'  a 
cairdean  gu  'n  do  mhothaich  i  aig  an  am  sin 
a  lathaireachd  agus  a  chumhachd.  Rinn  e 
am  beagan  a  bha  aice  mills  dhith  agus  rinn 
e  a  cluasag  socrach,  agus  b'  urrainn  i  a  radh 
uimpe  fein  mar  thuirt  Pol,  "  mar  dhaoine 
aig  nach  'eil  ni  sam  bith,  gidheadh  a' 
sealbhachadh  nan  uile  nithean." 

I  fein  agus  a  chlann 

Bha  grkdh  mor  aice  do  chloinn  agus  bha 
gradh  aig  a'  chloinn  dhi.  Nuair  thachradh 
i  orra  chuireadh  i  fkilt  cho  blath  orra  agus 
theireadh  iad  uimpe  chan  e  idir  "a'  chaill- 
each  tha  dol  as  a  ciall,"  ach  "  an  t-seann  bhean 
aig  a  bheil  grkdh  do  Dhia." 

Is  trie  a  labhradh  i  riu  an  d6igh  cho 
simplidh   timchioll   air   nithean   spioradail , 


theireadh  i  riu  gu  'm  feumadh  iad  iad  f^in 
ullachadh  air  son  sineadh  IMthean,  no  gu 
bks  fhaotainn  ann  an  Ikithean  an  oige.  A 
ris  nuair  bhiodh  gillean  is  tiigheanan  a' 
fkgail  tigh  am  pkrantan  bheireadh  i  earail 
dhaibh  timchioll  air  mealltaireachd  a'  phea- 
caidh,  agus  gun  iad  a  thaobhadh  ri  uile  no 
fior  chairdeas  a  dheanamh  ris  an  dream 
air  nach   'eil  eagal  Dhe. 

Tha  e  air  aithris  gu  'm  biodh  gillean  a  bha 
'g  an  ullachadh  fein  air  son  ministreileaehd 
an  t-soisgeil  a'  dol  suas  'g  a  faicinn  gach 
S4baid.  Cha  b'  ann  a  chionn  gu  robh  e61as 
aice  air  feallsanachd  no  bkrdachd,  no  air 
daoine  ainmeil  an  t-saoghaU  so,  ach  a  chionn 
gu  robh  eolas  m6r  agus  domhain  aice  air 
briathran  an  Ti  a  labhair  mar  nach  do 
labhair  duine  riamh,  agus  a  ris  a  chum  g'um 
faigheadh  iad  eolas  air  creideamh  Ikidir 
agus   air  faidhidinn   nan  naomh. 

Is  trie  a  thug  i  an  earail  dhoibh  gun  iad 
a  chur  eud-dreuchd  an  kite  diadhachd  a' 
chridhe.  Theireadh  i  riu  nach  bu  le6r 
dhoibh  biadh  a  dheasachadh  air  son  muinntir 
eile,  gu  'm  feumadh  iad  fein  mar  an  ceudna 
beathachadh  spioradail.  Chuireadh  i  'n  an 
cuimhne  braithran  Chriosd,  "fanaibh  ann- 
amsa." 

"  Bithibh  cinnteach,"  ars  ise,  "  g'um  mol 
sibh  Criosd  ge  b'  e  aite  do  'n  teid  sibh. 
Chan  urrainn  sibh  leth  a  luach  innseadh. 

Am  Biobull  mar  chompanach 

B'  e  am  Biobull  a  companach  a  Ik  agus 
a  dh'  oidhche.  ^Bha  e  dhith  'n  a  bhiadh 
agus  na  dheoch,  is  i  a'  siubhal  troimh 
fhksach  na  beatha  so.  Bha  earranan 
sonruichte  dheth  aice  air  a  cuimhne,  agus 
gle  thric  bhiodh  i  a'  smuaineachadh  orra  sin. 
B'  e  cuid  de  na  h-earranan  sin  anns  a  bheil 
cunntas  againn  air  iompachadh  Phoil.  'S 
e  dh'  fhkg  i  cho  measaU  air  eachdraidh 
Phoil,  gu  robh  i  a'  nochdadh  a  h-eachdraidh 
spioradail   fein. 

mtth  do  'n  chrich 

Nuair  bha  i  dldth  do  'n  chrich  bha  neart 
a  coluinn  'g  a  treigsion  ach,  aig  an  km. 
cheudna,  bha  i  a'  fks  an  grks,  an  spioradalachd 
inntinn  agus  ag  abachadh  air  son  gloire. 

Aig  aon  km.  bha  i  cho  lag  's  gu  'n  do  shaoil 
na  h-eolaich  gu  robh  i  a'  siubhal.  An  sin 
fhuair  i  beagan  spionnaidh ;  dh'  fhosgail 
i  a  siiUean,  agus  air  dhith  bancharaid  fhaicinn 
a'  gul  thuirt  i  "  car  son  tha  thu  gul  ?  'S 
ann  bu  ch6ir  dhuit  a  bhi  air  do  ghltiinean 
a'  guidhe  gu  'm  bithinn  air  mo  thoirt 
dhachaidh!" 

An  sin  thog  a  ckirdean  suas  'n  a  suidhe  i 
agu?  thoisich  i  air  seinn  nsr  laoidh 


6 


A'  BHANCHEARD 


"  Bithidh  'choluinn  so  an  nine  ghearr 
Fo  chumhachd  bais  is  uaigh, 
Ach  dh'  ullaich  Criosd  's  na  neamhaibh  ard 
Nithean  na  's  fhearr  air  son  a  shluaigh." 

Mar  chaidh.  i  air  a  h-aghaidh  leis  an  laoidh 
bha  neart  a  fhuair  i  na  h-anam  'g  a  nochdadh 
'n  a  column  agus  bha  a  suil  a'  lasadh  suas 
le  dochas  na  beatha  maireannaich. 

Air  Di-sathuirne  araidh  bha  i  air  a  trom 
bhualadh.  Thainig  a  trioblaid  cho  luath 
agus  gur  gann  a  b'  urrainn  i  smid  a  radh  ri 
neach  sam  bith.  Fhuair  i  beagan  faoth- 
achaidh  1^  na  Sabaid,  ach  nuair  thainig 
Di-luain  bha  i  trom  cadalach  agus  bha  e 
soilleir  do  gach  neach  a  chunnaic  i  gu  robh 
i  dluth  do  cheann  a  turuis  air  thalamh,  agus 


an  uine  ghearr  gum  biodh  i  a'  dol  troimh 
'n  ghleann  dorcha,  ach  cha  robh  fiamh  no 
eagal  'n  a  gnuis,  oir  bha  ola  'n  a  soitheach 
agus  a  lochran  gu  soilleir  a  lasadh. 

Air  maduinn  Di-m^irt  shiubhail  i  gun 
stri  gun  ghruaim.  Bha  an  tu-nuigh  a  chuir 
i  suas  gu  minic  agus  gu  diirachdach  a  nis 
air  a  freagairt.  Thuit  i  'n  a  cadal.  Bha  i 
maille  ri  losa  an  gloir.  Nach  faodaidh  i  a 
radh — 

"  M'  earbsa  chan  'eil  am  neochiont  fiin 
Striochdam   's  an  dus  am  fianuis   DM, 
Tre  fuil  is  fearta  Chriosd  a  mhain 
Tha  m'  earbs'  a'  d'  iochd.  0  Dhia  's  'a  d' 
shlaint." 


An  ni  is  ro  fhearr 

{Air  fonn  "  Tha  Sion  a'  seinn  ") 
Le  Murchwdh  Moireasdan,  "  iighdar  Fear-siubhail  nan  gleann" 


A'  MHUINNTIR  mo  shluaigh  bho  thuath 

is  baile, 
Thar  chuan  tha  'n  iomadach  cearn 
Gur    minic    mi    'luaidh    bho  'n  fhuair  mi 

sealladh 
Air  luach  an  ni  is  ro  fhekrr  ; 
Air  giorrad  ar  cuairt  tha  luath  'dol  seachad, 
'S  nach  dual  gu'm  fan  sinn  gu  brath, 
'S  air  fasgadh  bho  fhuachd  's  bho  fhuath 

ar  latha, 
'Tha  buan  an  carraig  nan  al, 

B'og  rinn  mi  gluas'd  le  uaill  'n  am  shealladh, 

Gu  cuairteach  machair  nan  d4n, 

Gus  m'ainm  a  chur  suas  's  mo  dhuain  'bhi 

airidh 
Air  luach  is  onair  'bhiodh  ^rd  ; 
Chan  iarrainn  mar  dhuais  's  mo  smuain  air 

thalamh, 
Ach  'n  sluagh  bhi  moladh  mo  che^ird, 
'Bhi  tional  nan  cruachan,  sguaban  abuich, 
A  bhuain  mi  'n  achadh  nam  b^rd. 


Ged  bhithinn  mar  bh^rd  's  gach  talant  agam, 

Is  namhaid  m'anam  rium  reidh, 

Ged  gheibhinn   cho   ard   's   mo  dhain   'bhi 

aithnicht' 
'S  gach  cearnaidh  's  baile  fo'n  ghrein  ; 
Mur  'eil  agam  pairt  's  an  ^ireamh  bhean- 

naicht 
Le  'bh^s  a  cheannaich  Mac  Dhe, 
'S   ann  ni  iad  an  t-sl^int   's  gach  fabhar 

fholach, 
'S  gu  brath  'n  an  eallach  ro  bhreun. 

Nach  math  a  nis  saors'  is  faochadh  anam, 

'S  gu'm  faod  mi  aithris  na  sgeoil, 

Bho  'n  chaidh  mo  chur  saor  bho  dhaors'  is 

dalladh, 
M'  Fhear-saoraidh  dh'  f hulling  's  an  f heoil ; 
Ged  laigh  E  's  an  uaigh  aig  suain  car  tamull, 
Bha  a  bhuaidh  's  a'  chath  a  bha  morj 
'S  ma  ruigeas  mi  suas  le  sluagh  nam  flaitheas 
Do  'n  Uan  a  bhitheas  a  ghloir. 


Chaidh  m'athair   's   mo   mh^thair   's   M^iri 

dhachaidh, 
Is  p^isdean  beag  a  bha  6g, 
Do  Dhomhnull  is  D^i  tha  'n  fh^sach  seachad, 
Mo  bhr^ithrean  carthannach  coir  ; 
'S  i  Oighrig  a  mhain  'chaidh  fhagail  agam, 
Air  a  cr^dh-  an  gleannan  nan  deoir,* 
'N  uair  'bhios  sinn  le  c^ch  's  an  aros  bhean- 

naicht 
Am  b^s  cha  dealaich  na  's  m6. 


Niagara  Falls,  N.Y., 
January  5,  1945, 


*  (Chaill    a    phiuthar,    Oighrig,    d^    mhac 
anns  a'  chogadh  so,  an  October,  1944.) 


Eilean  mo  Ghaoil 

Eilean  mo  ghaoil ',' 

Is  caomh  learn  eilean  mo  ghraidh. 


THA  gaol  na  mara  ann  am  full  a'  Bhreat- 
unnaich  gu  n^durra,  oir  is  dual  do  chuilean 
an  roin  a  bhi  ag  iarraidh  na  mara.  Tha 
fhios  aige  gu  bheil  a'  mhuir  'n  a  dion  agus 
'n  a  tearuinteachd  dha,  agus  cho  luath  's 
a  chi  e  no  chluinneas  e  rudeigin  a  chuireas 
eagal  air,  is  ann  air  a'  mhuir  a  chuireas  e 
aghaidh. 

Sin  mar  tha  Breatunn,  ar  M^thair  agus 
Eilean  ar  gaoil ;  an  uair  a  thoisicheas  cogadh 
agus  a  tha  nam.haid  air  bith  a'  maoidheadh 
oirre,  is  ann  air  a'  mhuir  a  theid  i  'n  a  h- 
uidhearn  le  cabhaig,  oir  tha  fhios  aice  o 
fhiosrachadh  nan  ceudan  bliadhna  nach 
eirich  beud  dhi  cho  fad  's  a  tha  saorsa  aig 
a  bataichean-marsantachd  seoladh  air  gach 
cuan  air  a  bheil  gnothuch  aca,  a  chionn  gu 
bheil  comannd  na  mara  aig  a  soithichean- 
cogaidh. 

Bha  comannd  na  mara  aig  Breatunn  o 
chionn  iiine  mh6r,  ach  cha  robh  sin  'n  a 
aobhar-eagail  no  'n  a  chiiis-fharmaid  do 
rioghachdan  eile  gus  an  do  thog  a'  Ghear- 
mailt  a  ceann,  agus  ghabh  iad  ris  gun 
ghearan  air  son  nan  tri  aobharan  so,  (1)  a 
chionn  nach  robh  Breatunn  a'  cumail  suas 
ach  arm-tire  cho  beag  's  nach  robh  e  'n 
a  chunnart  do  rioghachdan  eile,  (2)  a  chionn 
gu  robh  e  follaiseach  do  'n  t-saoghal  nach 
ann  a  chiosnachadh  rioghachdan  eile  a  bha 
Breatunn  a'  togail  shoithichean-cogaidh 
ach  a  chumail  slighe  reidh  air  am  faigheadh 
i  biadh  a  thoirt  a  steach  ged  a  thoisicheadh 
cogadh,  agus,  (3)  a  chionn  gu  robh  e  'n  a 
bhuannachd  dhaibh  fein,  agus  a'  s^bhaladh 
cosdais  dhaibh,  Breatunn  a  bhi  'n  a  maor- 
mara  anns  gach  cearn  de  'n  t-saoghal  anns 
an  robh  am  bataichean  fhein  a'  seoladh,  a' 
toirt  dion  agus  ceartas  dhaibh  a  reir  lagh- 
annan  na  mara. 

Bho  1871  cha  robh  arm-tire  anns  an 
Roinn-Eorpa  cho  m6r  no  cho  l^idir  ri  arm 
na  Gearmailte,  ach  cha  robh  sin  riamh  'n 
a  chuis-fharmaid  do  Bhreatunn,  agus  cha 
mho  a  bha  e  'n  a  chuis-eagail  dhi,  gus  an 
do  thoisich  an  Caesar  air  boilich  agus  air 
maoidheadh  agus  air  togail  shoithichean- 
cogaidh  ann  an  cabhaig,  a  bhiodh  cho  laidir 
air  muir  's  a  bha  an  t-arm  air  tir.  B'  ion 
do  Bhreatunn  dol  'n  a  h-earalas  an  sin,  agus 
cleas  nan  ron  a  dheanamh,  leum  do  'n  mhuir. 

Ged  is  farsuing  agus  is  sgaoilte  criochan 
iompaireachd  Bhreatuinn  an  diugh  chan 
ann  do  'n  Righ  no  do  'n  Pharlamaid  is  coir 
dhuinn  buidheachas  a  thoirt  air  a  shon  sin, 
ach  do  sheoladairean  agus  do  mharsantan 


a  chaidh  a  mach  air  ghaisge,  mar  rinn 
Abraham  o  shean  ;  air  ghaol  siubhail,  no 
air  ghaol  airgid,  no  air  ghaol  duthaich  tir 
fhaicinn,  no  euchdan  ura  a  dheanamh  nach 
do  rinn  duine  eile  riamh.  Ma  's  fdgarrach 
air  an  talamh  an  t-Iudhach,  is  fogarrach 
air   a'   mhuir   am   Breatunnach. 

Chan  'eil  diithaich  fo  'n  ghrein  anns  nach 
fhaicear  comharadh  air  lamh  sgoinneil  a' 
Bhreatunnaich  a  bhi  innte ;  ceidheachan 
a  thog  e,  acarsaidean  agus  rathaidean- 
iaruinn  a  rinn  e,  tighean-soluis  a  chuir  e 
suas,  fasaichean  a  dh'  uisgich  e,  seolaidean- 
mara  a  rinn  e  s^bhailte  dol  tromhpa,  agus 
ceud  rud  eile  de  'n  t-seorsa  leis  an  d'  f  hosgail 
e  rathaidean-cuain  do  mharsantachd  an  t- 
saoghail,  chan  ann  a  mhain  dha  fhein  ach 
do  gach  rioghachd  a  thoilicheadh  siubhal 
orra  ann  an  sith  agus  air  turusan  sitheil 
agus  laghail.  An  ealain  a  bha  aig  na 
Romanaich  air  rathaidean-m6ra  a  dheanamh 
air  tir,  bha  i  aig  Breatunn  air  tighean-soluis 
a  thogail  anns  a'  chuan,  los  gu  'm  biodh 
tearuinteachd  aca-san  uile  a  theid  gu  fairge 
air  longaibh.  B'  e  na  charts  a  rinn  na 
daoine  againn  fhein  a  bha,  agus  a  tha,  ar 
naimhdean  ag  uisneachadh  'n  ar  n-aghaidh 
anns  a'  chogadh. 

Ann  am  buachailleachd  na  mara,  agus 
mar  bhalla-dion  do  'n  rioghachd,  chan  'eil 
teagamh  air  bith  nach  e  na  soithichean- 
cogaidh  a  dh'  fheumar  a  chur  air  thoiseach, 
ach  gun  soithichean-marsantachd  air  an  ciil, 
a'  giiilan  bidh  agus  bathair,  agus  tiiHdh 
agus  acfhuinn-cogaidh,  cha  b'  urrainn  do 
'n  eilean  bheag  so  a  bhi  beo  ach  beagan 
sheachduinean. 

Aig  toiseach  a'  chogaidh  bha  de  bh^taich- 
ean-marsantachd  againn  na  ghiiilaineadh 
eadar  seachd  deug  agus  ochd  deug  muillean 
tunna,  ach  ann  an  ceithir  bliadhna  chailL 
sinn  mu  thri  mile  b^ta,  a  ghiiilaineadh  suas 
ri  da  mhiullein  dheug  tunna.  A  dh'  aindeoin 
cho  luath  's  a  bha  feadhaina  tira  air  an 
togail,  anns  an  diithaich  so  agus  ann  an 
America,  agus  m6ran  eile  air  an  ceannach 
no  air  an  gabhail  an  iasad  o  rioghachdan 
aig  nach  robh  feum  orra,  bha  goinne 
bhiitaichean  'n  a  chdis-eagaLl  do  'n  rioghachd 
so,  gu  sonruichte  an  1940  gu  1943.  Ach  an 
diugh  tha  uiread  bhataichean-marsantachd 
againn  's  a  bha  againn  an  1939,  no  theagamh 
barrachd. 

Tha  diiil  aig  moran  dhaoine  gu  'n  d'  thug 
Ruisia  agus  America  barrachd  d'  am  maoin, 
agus  d'  an  daoine,  a'^us  d'  an  saothair  do 
'n   chogadh  na  thug   Breatunn,   ach   chan 


8 


EILEAN  MO  GHAOIL 


'eil  sin  flor.  Le  'n  gabhail  thar  a  ch^ile, 
fir  agus  mnathan  agus  balaich  oga,  chuir 
am  Breatunnach  barrachd  d'  a  neart,  agus 
d'  a  {line,  agus  d'  a  airgiod  anns  a'  chogadh 
na  chuir  daoine  eile  air  an  t-saoghal,  siar 
no  sear.  A  thuUleadli  air  na  rinn  i  air 
a'  chuan  (agus  b'  e  an  cuan  a'  cheud  rud 
air  an  robh  a  h-aire  daonnan)  rinn  Breatunn 
102,000  soitheach-adhair,  25,000  tank,  35,000 
de  ghunnacha-mora,  agus  thog  i  suas  ri  sia 
mile  bata  ur. 

Bho  fhior  thoiseach  a'  chogaidh  bha  ar 
seoladairean  anns  a'  chath  gun  sgur,  a  la 
's  a  dh'  oidhche,  gun  fhois  gun  tamh,  dluth 
do  'n  chladach  agus  ann  am  meadhon  a' 
chuain,  gun  fhios  aca  c6  a'  mhionaid  anns 
am  biodh  am  b^ta  a  bha  fo  'n  casan  air 
a  cur  do  ghrunnd  an  aigein  le  torpedo  no 
meinn  a  dh'  fhaodadh  tighinn  orra  gun 
rabhadh  fo  'n  fhairge  no  as  an  adhar.  Ach 
eha  d'  fh^ihiich  am  misneach,  agus  a  dh' 
aindeoin  gach  call  agus  cruadal  a  db '  f  huiling 
iad  chtim  iad  orra  a'  tarruing  bidh  do  'n 
dtithaich  as  gach  ce^m  de  'n  t-saoghal,  a' 
tarruing  tiiHdh  is  iaruinn  is  cl6imhe  is 
acfhuinn-cogaidh  far  an  robh  feum  orra. 

An  uair  a  bhiodh  iad  a'  dol  do  Ruisia 
anns  a'  gheamhradh  mu  'n  cuairt  ceann-a- 
Tuath  Lochlainn  bha  an  t-sid  cho  fuar  's 
gu  'm  biodh  air  uairean  suas  ri  ceud  gu  leth 
tunna  deigh  an  crochadh  ri  croinn  agus 
cainbe,  agus  air  clkr  agus  air  drochaid  a' 
bhkta.  Mar  nach  bu  leor  am  fuachd  agus 
an  dorchadas  agus  an  droch  shid  agus 
cunnartan  eile  na  mara,  bha  na  naimhdean- 
fo-thuinn  a'  feitheamh  orra  daonnan,  agus 
na  soithichean-adhair  a'  dortadh  shgean- 
sgrios  orra,  air  uairean  fad  tri  l^ithean.  Ach 
lean  iad  orra  a'  tarruing  uidheam-cogaidh 
do  Ruisia,  gus  an  d'  fhuair  Ruisia  o  'n 
duthaich  so  agus  o  America  io'nmhas  agus 
acfhuinn  a  tha  os  cionn  tomhais. 

An  raoir  bha  mi  a'  leughadh  leabhair 
anns  a'  bheil  iomradh  air  a  dheanamh  air 
obair  nam  bataichean-marsantachd  so,  agus 
naidheachdan  air  an  innseadh  ann  mu 
ghniomharan  gaisgeil  ar  seoladairean,  a 
chuir  dedir  'n  am  shtiUean,  agus  a  thug 
orm  a  bhi  ag  r^dh  gu  beag  rium  fhein, 
Eilean  mo  ghaoil ; 
Is  caomh  learn  eilean  mo  ghraidh. 

Bu  dona  an  duine  nach  biodh  uasal  as  a 
dhaoine  fhein,  no  nach  taisicheadh  a  chridhe, 
an  uair  a  leughas  e  mu  sheoladair  a  bha 
beo  ochd  latha  deug  air  pios  maide  air  druim 
a'  chuain,  gun  dad  aige  a  dh'  itheadh  e  ach 
aon  cheirsle-chaU,  no  a  dh'  oladh  e  ach 
beagan  uisge-sneachd  agus  clacha-meallain 
a  bha  e  a'  cruinneachadh  le  pios  canabhais. 
B'  e  andoigh  a  ghabh  e  air  e  fhein  a  chumail 
gun  dol  as  a  rian  "Setflbh  a  inhhatha'a  bha 


aige  'n  a  phdca  a  thoirt  a  mach  agus  t6iseach- 
adh  air  bruidhinn  rithe.  Bha  e  air  a 
sh^bhaladh  le  b&ta-adhair  a  bha  a'  siubhal 
a'  chuain  agus  a  cheart  cho  luath  's  a  chaidh 
e  na  b'  fhe^rr  bha  e  air  ais  gu  muir  a  ris. 

Anns  a'  cheart  leabhar  so  bha  iomradh 
air  a  dheanamh  air  sgiobair  a  b'  aithne 
dhomh  gu  maith  'n  a  bhalach,  duine  beag 
tapaidh  agus  maraiche  maith  a  Tiriodh,  a 
thug  am  bata  air  an  robh  e  sabhaUte  troimh 
iomadh  gabhadh,  an  Dan-y-Bryn.  An  1940 
loisg  i  air  Heinkel  anns  a'  Chuan-a-Tuath, 
agus  chuir  i  dhith  te  de  na  sgiathan  ;  bha 
baiteal  aice  ri  submarine  fad  shia  uairean 
air  muir  Caribbean,  agus  ri  te  de  na  reubair- 
ean-mara  agus  i  a'  tighinn  dhachaidh  a 
Vancouver.  B'  i  te  de  na  bataichean  a  bha 
a'  tarruing  acfhuinn-cogaidh  gu  Ruisia  do 
Archangel  agus  Murmansk,  an  turns  a  bu 
mhiosa  air  am  b'  urrainn  bata  dol,  ach 
ged  bha  sia  torpedoes  anns  a'  mhuir  m'a 
timchioll  aon  uair,  agus  uairean  eUe  shgean- 
sgrios  air  an  dortadh  oirre  as  an  adhar, 
th^ioig  i  sabhaUte  as  gach  teinn  anns  an 
robh  i.  Agus  chan  e  mhain  gu  'n  do  chum 
an  sgiobair  agus  an  sgioba  an  uachdar  i, 
ach  chuir  iad  as  do  ochd  deug  de  na  soith- 
ichean-adhair a  bha  as  a  deidh.  Fhuair  an 
sgiobair  D.S.C.  air  a  shon  sin,  agus  bu 
mhath  a  choisinn  e  e. 

Ma  bu  mhaith  leat,  a  leughadair,  beoil 
sheana  mharaichean  a  dhimadh  a  bhios  a' 
caoidh  nach  'eil  daoine  an  diugh  cho  smiorail 
no  cho  cruadalach  's  a  bha  iad  ri  linn  an 
seanar,  no  a  bhios  ag  radh  gu  'n  deachaidh 
maraichean  agus  marachd  air  an  ais  seach 
mar  bha  iad  an  uair  a  bhiodh  soithichean- 
seolaidh  sia  seachduinean  a'  beatadh  an 
aghaidh  stoirm  is  sneachd  is  droch  fhairge 
a'  feuchainn  ri  dol  mu  'n  cuairt  Cape  Horn — • 
cuir  an  leabhar  beag  so  'n  an  laimh.  Buidh- 
eachas  do  Ni-maith  tha  biadh  agus  paigheadh, 
agus  leaba,  agus  aite-comhnuidh  sheoladair- 
ean,  na  's  fhearr  an  diugh  na  bha  iad  aon  uair, 
ach  tha  a'  mhuir  fhein  gun  atharrachadh 
ach  a  mh^in  gu  bheil  cunnartan  ina  air  an 
cur  a  nis  ris  an  f  headhainn  a  bha  ann  riamh . 

Cha  mho  leis  a'  chuan,  an  uair  a  dh'  eireas 
e  am  feirg  na  bataichean  a  sheolas  air,  no 
na   daoine   a   tha    annta,    na   na   fionnain- 
fheoir  air  an  saltair  thu  le  d'  chois,  ach  ged 
is  l^idir  an  cuan  agus  is  uamhasach  a  chumh- 
achd  agus  fhearg,  dh-  fhairtlich  air  riamh 
cridhe  gaisgeil  mhic  an  duine  a  chiosnachadh. 
Cha  robh  sluagh  air  thalamh  a  bha  uiread 
dhiubh   air  am  bathadh   's   a   bha  air   am 
bathadh  de  Bhreatunnaich,  ach  cha  do  chum 
sin  iad  o  dhol  gu  muir,  oir  is  dual  do  chuilean 
an  roin  a  bhi  ag  iarraidh  na  mara. 

.  Eilean  mo  ghaoil ;       .  ..    ... 

"    Is'  caomh  Team  eilean  nio  gUraidh. 


Aireamh  5 


1945 


Creideamhan  Nebnach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.A.,  an  Oovan. 
(Air  a  leantuinn) 


(2)  Ged  bhiodh  e  fior  gu'n  deachaidh  na 
deich  treujbhan  air  chall  no  air  allaban 
do'n  Eorpa,  chan'eil  steidh  sam  bith  an 
eachdraidh  gu'm  bheil  fdaimh-fala  eadar 
iad  agus  na  Sitianaich  is  na  "  Cimmerians  " 
a  bha  comhnuidh  an  taobh  deas  Ruisia, 
mu'm  bheU  na  seann  Ghreugaich  ag  innseadh. 
Tha  na  h-Israelich  Bhreatunnach  a'  deanamh 
bosd  gvi'm  bheil  iad  a'  toirt  barrachd 
iimhlachd  do'n  BhiobuU  gu  litireil  na  tha 
Criosduidhean  eile  ;  ach,  a  reir  a'  BhiobuilJ^, 
's  ann  de  shliochd  laphet  mac  Noah  a  tha 
sloigh  na  h-E6rpa  is  Bhreatuinn  is  America, 
agus  's  ann  de  shKochd  Shem  mac  Noah  a 
tha  na  h-Israehch  agus  na  h-Iudhaich.  Bha 
sinnsearan  nan  Sasunnach  is  nan  CeUteach 
cheana  ann  am  meadhon  agus  an  iar  na 
h-E6rpa  Knntean  mus  tug  na  h-Asirianaich 
buaidh  air  Israel.  Rud  eile,  car  son  nach'eil 
na  h-Israelich  Bhreatunnach  ag  aireamh 
nan  GearmaUteach  am  measg  sluagh  thaghte 
Dhe,  oir  thainig  na  Sasunnaich  agus  na 
Gearmailtich  air  tus  bho'n  aon  stoc,  agus, 
ma  tha  na  h-Isrealich  Bhreatunnach  ceart, 
's  e  Hitler  aon  de  ard-phrionnsachan  Israeli. 
Ach  's  ann  a  tha  cinnich  an  t-saoghail  an 
diugh,  am  Breatunn  is  America  is  gach 
duthaich  eile,  air  am  measgachadh  gu  mor. 
'N  am  chuislean  fhein  tha  full  nan  Gaidheal 
is  full  nan  Sasunnach  is  iomadh  seorsa  eile  ; 
agus  's  ann  mar  sin  a  tha  gach  neach  dhinn. 
Co  air  bith  na  Sitianaich  agus  na  "  Cim- 
merians," cha  robh  daimh-fala  idir  aca  ri 
sliochd  lacoib  agus  chan'eil  daimh  idir  idir 
eadar  sliochd  Israeli  agus  sluagh  Bhreatuinn 
a  reir  na  feola. 

(3)  Cha  mhotha  na  sin  a  tha  firinn  sam 
bith  anns  a'  bheachd  gu'm  bheil  teaghlach 
rioghaU  Bhreatuinn  de  shliochd  Dhaibhidh. 
Agus  ged  a  bhitheadh,  nach  neonach  gu'm 
biodh  teaghlach  Dhaibhidh,  a  bha  de'n 
da  threubh  (ludah — clann  na  mallachd), 
a'  riaghladh  thairis  air  na  deich  treubhan 
(Israel — -clann  a'  gheallaidh)  ?  Ciod  air  bith 
an  sloinneadh  a  bheir  sinn  air  Righ  Seoras 
VI,  cha  cheadaich  fior  eachdraidh  dhuinn 
Daibhidh  aireamh  am  measg  a  shinnsearan. 

(4)  A  reir  teagasg  nan  Israelach  Breatun- 
nach,  is  e  "  Ephraim  "  an  t-ainm  ceart  aig 
sluagh  Bhreatuinn,  agus  is  e  "  Manasseh  " 


an  t-ainm  ceart  aig  sluagh  nan  Staitean 
Aonaichte.  Agus,  tha  iad  ag  radh,  choimh- 
lion  Dia  cheana  do  Bhreatunn  na  geall- 
aidhean  a  thug  e  a  thaobh  IsraeU.  Chaidh 
a  ghealladh  do  Abraham  :_  "  Ni  mi  do 
shliochd  ro  lionmhor  agus  sealbhaichidh  iad 
geata  an  naimhdean  "  (Gen.  xxii.  17,  xxiv. 
60).  Agus  nach'eil  sealbh  aig  Breatunn 
an  diugh  air  geatan  an  naimhdean — Gib- 
raltar, Malta,  Suez,  Aden  ?  Mar  sin  tha 
an  gealladh  air  a  choimhlionadh !  Thuirt 
Maois  is  Isaiah  gu'm  bheil  Israel  rag- 
mhuinealach  (Ecsod.  xxxiii.  5  ;  Isa.  xlviii. 
4),  agus  nach'eil  na  Breatunnaich  rag- 
mhuinealach  ?  Nach  tuirt  Isaiah,  "  Is  an- 
aoibhin  do  mhisgearan  Ephraim  "  (Isa. 
xxviii.  1),  agus  nach'eil  Ephraim  (Breatunn) 
fhathast  Ian  mhisgearan  ?  Ach  foghnaidh 
sin  de'n  ghoraiche  so. 

(5)  Is  e  teagasg  soilleir  an  Tiomnaidh 
Nuaidh  gur  e  Eaglais  Chriosd  an  t-Israel 
spioradail  a  tha  a'  sealbhachadL  geall- 
aidhean  Dhe  do  Israel.  Thainig  Criosd  a 
thoirt  slainte,  chan  ann  a  mhain  do  Israel 
a  reir  na  feola  ach  do'n  Israel  spioradail, 
iadsan  uile  as  gach  cinneach  is  treubh  is 
dtithaich  a  ghabhas  ris  mar  Shlanuighear. 
Ann  an  Criosd  "  chan'eil  Greugach  no 
ludhach,  duine  borb,  Sitianach,  daor  no 
saor,  ach  is  e  Criosd  na  h-uile  agus  anns 
na  h-uile  "  (Col.  iii.  11)  ;  "  oir  geallaidhean 
Dhe  uile,  ann-san  is  seadh  iad  agus  ann-san 
is  Amen  iad  "  (2  Cor.  i,  20).  Gu  de  seorsa 
soisgeil  a  th'aig  na  h-Israelick  Bhreatunnach 
do  shluagh  Africa  is  Sina  agus  an  leithid  ? 
Feumaidh  iad  a  radh  riutha,  "  Is  e  Breatunn 
lompaireachd  Chriosd  air  an  talamh,  agus 
le  bhi  a'  geilleadh  do  Bhreatunn  tha  sibh  a' 
geilleadh  do  Chriosd,  agus  le  bhi  a'  geilleadh 
do  Chriosd  tha  sibh  a'  tighinn  fo  ughdarras 
Bhreatuinn."  Cha  bhiodh  an  sin  ach 
toibheum  uamhasach,  ach  's  ann  a  dh'ionn- 
suigh  sin  a  tha  beachdan  nan  Israelach 
Breatunnach  a'  treorachadh.  Thuirt  losa 
r'a  dheisciobuil :  "  Tha  fios  agaibh  gu'm 
bheil  aig  uachdarain  nan  Cinneach  tighearnas 
orra  agus  gu'm  bheil  aig  an  daoine  mora 
smachd  orra,  ach  mar  sin  cha  bhi  e  'n  ar 
measg-sa "  (Mata  xx.  25).  Chan  ann  le 
uaibhear  naistinneach,  no  uaill  shaoghalta, 


2 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


no  smachd  na  laimhe  laidir,  a  mheudaichear 
Rioghachd  nan  Gras,  no  a  chruinnichear  na 
cinnich  gu  casan  an  t-Slanuigheir.  'S  ann 
a  tha  teagasg  nan  Israelach  Breatunnach 
'na  bhacadh.  air  searmonachadh  an  t- 
soisgeil  do'n  t-saoghal.  Amhairceamaid 
oirnn  fein  mar  rioghachd !  Ged  is  mor  na 
sochairean  a  bhuilich  an  Tighearna  oirnn, 
c'aite  am  bheil  na  comharraidhean  gur 
sinne  sluagh  a  roghnaich  Dia  mar  nach  do 
roghnaich  e  sluagh  sam  bith  eile  ?  Tha 
am  Biobull  a'  teagasg  gu'm  bheil  na  riogh- 
achdan  uile  'n  an  innealan  an  laimh  Dhe, 
eadhon  an  uair  naCh'eil  fhios  aca  air.  "  Bu 
chupan  oir  Babilon  ann  a;n  laimh  an  Tigh- 
earna "  (lerem  li.  7).  "  Nach  tug  mise 
Israel  a  tir  na  h-Eiphit,  agus  na  Philistich 
a  Caphtor,  agus  na  Sirianaich  a  Cir  ?  " 
(Amos  ix.  7).  Ach  's  e  rud  eile  a  tha  ann, 
agus  rud  meallta  is  cunnartach,  a  bhi 
teagasg  gur  e  run  Dhe  gu'm  biodh  aon 
chinneach  no  aon  rioghachd  'n  am  maigh- 
istearan  air  an  t-saoghal  uile.  'S  e  sin 
teagasg  Hitler  agus  nan  Nasach,  agus  's 
e  sin  teagasg  nan  Israelach  Breatunnach  a 
tha'obh  an  t-sluaigh  a  tha  labhairt  na  Beurla 
Shasunnaich ! 

(6)  Chan'eil  anns  an  t-seorsa  eachdraidh" 
a  tha  na  h-Israelich  Bhreatunnach  a' 
teagasg  ach  ramasgladh  de  bheul-aithris 
gun  stath  agus  sgeulachdan  breugach,  air 
am  measgachadh  le  earrannan  bho'n  BhiobuU 
air  am  mineachadh  gu  cearr.  Tha  na 
leabhraichean  aca  Ian  de  na  facail  so — 
"  faodaidh  e  bhith,"  "  maith  a  dh'fhaoidte," 
"is  docha  gur  e,"  "  bhiodh  e  coltach." 
Chan  urrainnear  eachdraidh  no  soisgeul  a 
steidheachadh  air  facail  mhi-chinnteach  de'n 
t-seorsa  sin.  Tha  iad  a'  creidsinn  gu'n 
tainig  am  faidh  leremiah  do  Eirinn,  a' 
giiilan  leis  aire  a'  choimhcheangail  agus 
cluasag  '  chloiche  lacoib  ;  gu'm  b'i  "  Tea 
Tephi  "  nighean  Sedeciah  agus  gu'm  bheil 
a  h-uaigh  ann  an  Eirinn  tri  fichead  troidh 


air  fad  (boirionnach  mor,  da  rireadh!); 
gu'm  b'e  Draoidhean  nan  Ceilteach  treubh 
Lebhi  ;  gu'm  bheil  daimh  eadar  na  Cuimrich 
agus  Omri,  righ  Israeli ;  gu'm  do  sfeuidh- 
icheadh  treubh  Shimeon  ann  an  Gaidh- 
ealtachd  na  h-Alba  ;  gu'm  bheil  luchd- 
riaghlaidh  lapan  (na  "  Samurai  ")  a'  faotainn 
an  ainm  bho  Shamaria  agus  gu'm  bheil  iad 
de  shliochd  Israeli  cuideachd,  agus  mar 
sin  cha  choir  do  Bhreatunn  a  bhi  'n  an 
aghaidh  ;  gu'm  bheil  e  diomhain  feuchainn 
ri  sith  sheasmhach  a  shuidheachadh  anns 
an  t-saoghal,  oh  tha  am  Biobull  ag  radh 
gu'm  feum  cogadh  mor  eile  a  bhi  ann  eadar 
Ruisia,  a'  Ghearmailt,  agus  an  Tuirc  air 
an  aon  taobh,  agus  Breatunn  is  America 
is  na  h-Iudhaich  air  an  taobh  eile,  a  chum 
sealbh  fhaotainn  air  Tir  Phalestin,  agus 
gu'n  teid  gu  math  le  Ruisia  an  toiseach  a 
chionn  's  gu'm  bheil  moran  each  aice,  ach 
bheir  Breatunn  agus  a  cairdean  buaidh  air 
a'  cheann  thall ;  agus  moran,  moran  eile 
de'n  fhaoineas  so. 

Sin  agad,  a  leughadair,  pairt  gle  bheag 
de  na  nithean  neonach  a  leugh  mise  ann  an 
leabhraichean  nan  Israelach  Breatunnach 
agus  a  chuala  mi  bho'm  bilean.  Chan  abair 
mi  ach  so.  Daoine  a  chreideas  na  teagsagan 
sin,  creididh  iad  gur  caise  a'  ghealach  ;  agus,, 
mar  a  thuirt  fear  eile,  "Tha  iad  moran 
tia's  caillte  na  bha  deich  treubhan  Israeli 
riamh." 

Tha  fhios  agaiim  gu'm  bheil  Satan  coma- 
sach  air  earrannan  de'n-  Sgriobtur  a  thogail 
air  a  bhilean  a  chum  fheum  fhein 
(Mata  iv),  ach  nach  truagh  gu'm  biodh 
Criosduidhean  a'  deanamh  leabhar-thoimh- 
seachain  de  Fhacal  Dhe  a  tha  "  beo  agus 
cumhachdach  agus  na's  geire  na  claidheamh 
da  fhaobhair  air  bith,  a'  ruigheachd  eadhon 
chum  eadar-sgaraidh  an  anama  agus  an 
spioraid,  agus  nan  alt  agus  nan  smear, 
agus  a'  toirt  breith  air  smuaintean  is  rtdntean 
a'  chridhe"  (Eabh.  iv.  12)  ? 


An  Teicheadh  Muladach 

Guidhihh-sa  gun  hhur  teicheadh  a  bhi  's  a'  gheamhradh,  no  air  an  t-sabaid. — Mata  xxiv.  20. 
Leis  an  Urramach  DomhnuU  Mac  Ledid,  A'  Chomraich. 


NUAIR  a  bha  mi  'g  eisdeachd  ri  naidheach- 
dan  a'  chogaidh  an  raoir,  's  a  bha  e  air 
innseadh  gu  'n  robh  na  rathaidean-mora 
's  a'  Ghearmailt  air  an  domhlachadh  le 
mnathan  is  clann  a'  teicheadh  roimh  na 
Ruiseanaich,  an  sneachd  cho  trom,  's  an 
reodhadh  cho  cruaidh,  's  a'  ghaoth  cho  fuar 


Is  e  so  caibidil  cho  soluimte  's  a  tha  anns 
an  Tiomnadh  Nuadh  air  fad.  Tha  da  ni 
air  a  thoirt  far  comhair  anns  a'  chaibidil  so, 
an  toiseach,  sgrios  lerusalem,  's  a  rithisd, 
teachd  Chriosd  gu  breith  a  thoirt  air  .an 
t-saoghal.  Chaidh  a'  cheud  chuid  a  choimh- 
lionadh  a  dh'  ionnsuidh  na  litreach  ;   tha  a' 


thainig  briathran  an  t-Slanuigheir  gu  m'  chuid  eile  gun  aite  a  ghabhail  fhathast. 
ahe,  "  Guidhibh-sa  gun  bhur  teicheadh  a  bhi  Ach  thig  an  Tighearna  rithisd  gu  breith 
's  a'  gheamhradh,"  a  thoirt  air   daoine  ^  cheart  cho  cinnteach 


AN  TEICHEADH  MULADACH 


'6 


's  a  thainig  e  'n  a  fhreasdal  gu  sgrios  leru- 
salem.  Tha  ordugh  is  riaghailt  ann  an 
obair  Dhe  ;  mar  sin  chan  'eil  eachdraidh 
a'  chinne-dhaonna  gun  seadh.  "Bheir  Dia 
gach  obair  gu  breitheanas,  maille  ris  gach 
ni  diomhair,  ma  's  maith  no  olc  iad." 

1.  Tha  agaima  an  so  truas  is  co-fhaireach- 
adh  Chriosd.  Chi  sinn  an  toiseach  an 
fheadhainn  as  motha  ris  a  bheil  truas  an 
t-Slanuigheir,  "  mnathan  torrach  agus  feadh- 
ainn  aig  a  bheil  naoidheanan  air  a'  chich." 
Cha  b'  urrainn  iadsan  ruith  cho  kiath  ri 
each,  gu  sonruichte  's  a'  gheamhradh, 
nuair  a  bhiodh  na  rathaidean  duihch  an 
coiseachd  ;  ri  sneachd  is  reodhadh  is"  tuiltean, 
a'  deanamh  siubhail  duUich  do  chreut- 
airean  lag  fann. 

Is  e  teachd  Chriosd  a  dhuisg  cleach- 
daidhean  dhaoine  air  feadh  an  t-saoghail  ; 
chan  e  mhain  gu  'n  dubhairt  e  "  searmon- 
aichibh  an  soisgeul,"  ach  thubhairt  e  mar 
an  ceudna  "  leighisibh  an  dream  a  tha 
euslan."  0 !  truas  Chriosd  ri  muinntir 
sharuichte  chlaoidhte.  Tha  Criosd  a' 
smuaineachadh  oirnn  gun  sgur.  Nach  b'  e 
chuireadh  an  t-ionghnadh  ort  na'n  do  sgriobh 
Righ  Deorsa  thugad,  's  gu  'n  abradh  e  gu 
'n  robh  e  a'  smuaineachadh  ort  a  h-uile 
la.  So  agad  Righ  nan  Righrean  ;  tha  e  ag 
radh,  "  guidhibh  gun  bhur  teicheadh  a  bhi 
's  a'  gheamhradh. 

Ann  an  Turns  a'  Chriosduidh,  tha  Crios- 
duidh  ag  innseadh  do  Shocharach  gloir 
agus  maise  na  tire  a  tha  e  a'  sireadh.  Nuair 
a  chuala  Socharach  so  thuirt  e  "Gle  mhaith, 
a  dheagh  nabuidh,  luathaicheamaid  ar  ceum." 
"  Chan  urrainn  mi  dhol  cho  luath  's  bu 
mhaith  leam  's  an  t-eallach  so  air  mo 
mhuin,"  arsa  Criosduidh.  Cha  robh  eallach 
air  Socharach  ann.  Bha  e  cho  luath  's  cho 
aotrom  ri  uiseig.  Ach  an  fheadhainn-sa 
air  a  bheil  ah  t-eallach  chan  urrainn  dhaibh 
an  t-aghartas  bu  mhaith  leo  a  dheanamh. 

Bha  duine  bochd  anns  an  taobh  Tuath 
ris  an  abradh  iad  Fearchar  a'  Ghunna. 
Bhiodh  Fearchar  a'  siubhal  nam  b^ailtean 
a'  cruinneachadh  gach  treathlaich  a  gheibh- 
eadh  e,  'g  a  chur  ann  am  poca.  Bhiodh  e 
a'  giiilan  an  eallaich  gun  sgur.  Bhiodh 
ministear  a'  ChaisteU-Ruaidh  a'  deanamh 
samhladh  dheth  so.  Bhiodh  e  ag  radh  ris 
a'  choimhthional,  "  gu  'n  robh  eallach  ann 
ni  bu  truime  na  eallach  Fhearchair." 

Seall  creutair  a  bhios  air  a  leon  ;  gheibh 
thu  e  gu  trie  leis  fein  ;  chan'eil  e  comasach 
air  cumail  ri  reis  an  trend.  Nach  math  gu 
bheil  fear-cuideachaidh  aca.  "  Air  an  fhear 
so  amhaircidh  mi  a  tha  bochd  agus  leonta 
'n  a  spiorad  agus  a  chriothnuicheas  roimh 
m'  fhocal." 


2.  Nuair  a  bhios  daoine  a'  teicheadh  tha 
so  a'  nochdadh  gu  bheU  eagal  orra.  Tha 
mi  a'  smaointeachadh  gu  bheil  so  a'  comh- 
arrachadh  a  mach  staid  na  Roinn-Eorpa 
an  diugh  "  eagal." 

Ciod  a  thug  air  rioghachdan  beaga  na 
Roinn-Eorpa  fuireach  ann  an  staid  neo- 
phairteach  ;  thug  an  t-eagal  gus  an  robh 
iad  fadheoidh  air  an  slugadh  suas. 

Mar  an  ceudna  nuair  a  bhios  eagal  orra 
roimh  ni  ard,  agus  uamhasan  anns  an 
t-slighe,  agus  a  bhios  an  leumnach  uaine  'n 
a  eallach,  agus  a  theirgeas  miann  ;  a  chionn 
gu  bheU  an  duine  a'  triall  'g  a  chomhnuidh 
bhuan,  agus  gu  bheU  an  luchd-cumhaidh 
a'  dol  mu  'n  cuairt  's  na  sraidibh. 

Tha  eagal  air  gu  leor  de  dhaoine  roimh 
Dhia,  ach  is  e  eagal  traileil  a  tha  air  moran  ; 
eagal  peanais.  Anns  an  t-Seann  Tiomnadh 
chi  sinn  fear  agus  bean  air  am  fiosrachadh 
le  aingeal  bho  neamh.  Bha  eagal  air 
Manoah  gu  'n  robh  Dia  a'  dol  'g  a  mharbhadh 
ach  tha  a  bhean  de  eadar-dhealachadh 
inntinn.  Tha  ise  a'  freagairt  "  n'  am  biodb 
Dia  air  son  air  marbhadh  cha  ghabhadh  e 
na  nithean  so  o  ar  laimh." 

Cionnus  a  gheibh  sinn  saor  o  eagal  ? 
Direach  le  ni  na  's  fearr  a  chur  'n  a  aite. 
So  agad  e.  TUgidh  gradh  diongmhalta  an 
t-eagal  a  mach.  Abair  riut  fein  gun  sgur, 
"  Tha  gradh  aig  Dia  ormsa."  Fiach  e  's 
chi  thu  an  t-eadar-dhealachadh  a  ni  e  air 
do  bheatha.  Tha  an  Salmaidh  ag  radh, 
"  Dhomhsa  is  maith  teachd  dluth  do  Dhia." 
Tha  fear  eile  ag  radh  "  Is  toigh  leam  Dia 
air  son  gu  'n  d'  eisd  e  ri  m'  ghuth  's  ri 
m'    iirnuigh." 

3.  Tha  na  briathran  a'  gabhail  a  steach 
nach  coir  nithean  cudthromach  fhagail 
gus  na  mionaidean  mu  dheireadh.  Is  e 
an  geamhradh  raidhe  mu  dheireadh  na 
bliadhna.  Seall  mar  a  chuireas  daoine  dail 
ann  an  aithreachas.  Tha  daonnan  am 
na  's  fearr  a'  dol  a  thighinn.  Thuirt  Felics 
ri  Pol,  "  Nuair  a  bhios  uine  agam  cuiridh 
mi  fios  ort."  Bha  ministear  ann  an  cearna 
de  'n  Ghaidhealtachd  a  bhiodh  gu  trie  a' 
comhradh  ri  muUlear  saoghalta  a  bha  's 
a'  choimhthional  aige,  ach  bhiodh  am 
muillear  daonnan  'g  a  chur  dheth.  Mu 
dheireadh  dh'  f has  e  tinn,  's  chaidh  am 
ministear  a  dh'  amharc  air,  ach  's  e  fhreagairt 
a  fhuair  e,  "  Chan  urrainn  mi  do  ghuth  a 
chluinntinn  le  fuaim  a'  mhuUlinn."  Tha 
am  bard  ag  radh  "  'S  ionnan  aithreachas 
criche  's  a- bhi  cur  sil  mu  FheUl  Martainn." 

4.  "  Guidhibh  gun  bhur  teicheadh  a  bhi 
air  an  t-sabaid."  Car  son  an  t-sabaid  ? 
Bha  a  leithid  de  ehuibhrichean  aig  na  h- 
ludhaich  air  an  t-sabaid,    's  gu   'm   biodh 


AN  TEICHEABH  MULADACH 


e  duilich  do  dhaoine  biadh  no  fasgadh 
fhaotainn.  Ch.an  'eil  mi  ag  radh  gu  'n  do 
bhasaich  an  creud  so  fhathast.  Tha  gu 
leor  a  dhaoine  de  'n  bheachd  gu  bheil  iad 
a'  gleidheadh  na  Sabaid  mur  tig  iad  a  mach 
air  an  dorus  air  la  na  Sabaid.  A  bheil 
duine  sam  bith  a  tha  fhathast  ann  an  staid 
naduir  comasach  air  na  h-aitheantan  a 
chumail  ? 

Thainig  oganach  'n  a  ruith  gu  Criosd  nach 
robh  riaraichte  le  staid.  "  A  mhaighstir 
mhaith,"  thubhairt  e  ri  Criosd,  "  ciod  a  ni 
mi  chum  gu  'n  sealbhaich  mi  a'  bheatha 
mhaireannach  ?  "  Thubhairt  Criosd  ris,  "is 
aithne  dhuit  na  h-aitheantan,  na  dean 
adhaltranas,  na  dean  mort,  na  dean  goid, 
na  tog  fianuis  bhreige,  thoir  urram  do  d' 
athair  agus  do  d'  mhathair."  Fhreagair 
esan,  "  iad  sin  uile  choimhid  mi  o  m'  oige. 
Ciod  a  tha  fathast  a  dh'  uireasbhidh  orm  ?" 
'S  e  dara  clar  an  lagha  a  thug  Criosd  gu 
aire  an  duine  so.  'Sea'  cheud  aithne, 
"  Gradhaichidh  tu  an  Tighearna  do  Dhia 
le  t-uile  chridhe,  le  t-uile  inntinn  's  le  t-uile 
neart,  agus  do  choimhearsnach  mar  thu 
fhein. 


Chan  'eU  daoine  am  bitheantas  a  leigeadh 
urad  de  chudthrom  air  a'  cheud  aithne  's 
a  tha  iad  air  a'  cheathramh.  'S  e  ±heir  iad 
riut,  "  chan  'eil  e  farusda  dhomhsa  mo 
choimhnearsnach  a  ghradhachadh  ;  eha 
ghabh  e  deanamh."  Mar  a  thuirt  bean 
riumsa,  "  Bithidh  e  ag  eigheach  ainmean 
ris  a'  chloinn  ;  bidh  e  a'  tilgeadh  chlachan 
air  na  cearcan  ;  bidh  e  a'  tolladh  a  stigh 
fuidh  na  clachan  criche." 

Tha  e  fada  na  's  fhtisa  a  dhol  gu  bord 
comanachaidh  na  tha  e  dhuit  do  choimh- 
earsnach a  ghradhachadh.  An  ga,bh  e 
deanamh.?  Tha  Pol  ag  radh,  "is  urrainn 
mi  na  h-uile  nithean  a  dheanamh  troimh 
Chriosd  a  neartaicheas  mi."  Feuch  an  doigh 
sin.  Thig  gu  Criosd  an  toiseach.  Tha  e 
'g  ad  chuireadh,  "  Thigibh  am  ionnsuidh-sa 
sibhse  uile  a  tha  ri  saothair  agus  fo  throm 
uallaich  's  bheir  mise  suaimhneas  duibh." 

Bidh  e  farusda  gu  leor  dhuit  an  t-sabaid 
a  choimhead  's  a  h-uije  h-aithne  eile.  Cumaidh 
tu  iad  gun  fhios  dKuit  fhein.  Is  e  gradh 
coimhlionadh  an  lagha.  An  ti  a  ghradh- 
aicheas  is  aithne  dha  Dia,  oir  is  gradh  Dia. 


Anns  a'  Chathair 


BHA  famhairean  air  an  talamh  anns  na 
laithibh  sin,  na  laithean  anns  an  robh  mise 
anns  an  Oilthigh  an  Dim  eideann.  Agus  b'e 
fear  de  na  famhairean  an  t-Ollamh  Mac  'Ille 
Bh^in,  am  fear  mu  dheireadh  de  na  fior 
fhaidhean  an  Albainn.  Air  an  t-seachduin 
so  chaidh  bha  mi  a'  leughadh  an  leabhair  as 
iir  anns  an  do  sgriobh  a  charaid  6g,  G.  P. 
Barbour,  eachdraidh-beatha  an  t-searmon- 
aiche  so  ;  an  uair  a  bha  mi  'ga  leughaidh 
thainig  iomadh  cuimhneachan  air  ais  thugam, 
air  chor^agus  gu'n  robh  mi  mar  gu'm  bithinn 
a'  cluinntinn  a  ghutha  agus  a'  faicinn  aod- 
ainn  a  ris,  mar  a  b'  abhaist  dhomh  a  chluinn- 
tinn  air  feasgair  Shabaid  anns  a'  chiibaid. 
Bha  coslas  agus  cumhachd  na  diadhaidheachd 
'n  a  aodann,  agus  anns  an  aireamh  so  bu 
mhaith  leam  beagan  seanchais  a  dheanamh 
uime  ;  ar  lamhan  a  bhlathachadh  aig  a  theine. 
"  Is  hana-mJiaighstir  eudmhor  a'  chiibaid  ; 
chan  fhuiling  i  ach  duine  a  bheir  dhi  a 
ghaol  slan."  Sin  facal  a  labhair  an  t- 
Ollamh  Mac  'Ille  Bhain  uair-eigin  ri  minis- 
tearan  oga,  agus  cha  robh  ministear  eile  an 
Albainn  'n  a  linn  a  thug  gaol  cho  slan  do'n 
chtibaid  's  a  thug  e  fhein,  no  ministear  eile 
a  choisrig  uile  bhuadhan  a  chuirp,  agus  a 
chinn,  ag  us  a  chridhe,  do  shearmonachadh, 
mar  a  rin-9>^  e.  Agus  bha  a'  bhuil ;  b'  fhiach 
a  shearmoin  eisdeachd  riu  ;  bha  iad  mar 
fhacal  an  Tighearna  fein,  "  beo  agus  cum- 
hachdach  ,    agus   na's   geire   na    claidheamh 


da  fhaobhair  air  bith,  a'  ruigheachd  eadhon 
chum  eadar-sgaraidh  an  anama  agus  an 
spioraid,  agus  nan  alt  agus  nan  smear,  agus 
a'  toirt  breith  air  smuaintibh  agus  rtiintibh 
a  chridhe." 

An  uair  a  bha  e  fhein  agus  an  t-Ollamh 
Iain  Kelman  comhla  amns  an  aon  eaglais, 
bhiodh  cuid  ag  radh  gu'm  biodh  an  dara  fear 
dhiubh  a'  seasamh  nam  peacach  agus  a  gabh- 
ail  an  lethsgeil,  agus  am  fear  eile  a'  smad- 
adh  nan  naomh  agus  'g  an  diteadh.  An  uair  a 
ghabhadh  an  t-Ollamh  Mac  'Ille  Bhain  coin- 
neal  na  Pirinn  agus  a  rachadh  e  a  steaeh  d'a 
chridhe  fhein  agus  do  chridheachan  a  luchd- 
eisdeachd  a  rannsachadli  a  mach  nan  aoidh- 
ean  ain-diadhaidh  a  bhios  a'  comhnuidh, 
anns  a'  chridhe,  b'ion  duit  eagal  a  ghabhail 
agus  ball-chrith.  Bha  e  a'  faireachduinn 
gu'n  do  leag  Dia  air  mar  dhleasdanas 
dearbhachd  a  thoirt  d'a  ghineal  mu  pheacadh, 
agus  mu  fhireantachd,  agus  mu  bhreitheanas. 
Sin  na  nithean  air  am  biodh  e  daonnan  a' 
labhairt ;  naomhachd  Dhe,  diomhaireachd  is 
aingidheachd  cridhe  mhic  an  duine,  am  feum 
a  tha  aig  daoine  air  a  bhi  buanachadh  ann 
an  urnuigh,  agus  a'  smachdachadh  toil 
na  feola.  Bha  fhios  aige  nach  robh  e  a'  cor- 
dadh  ri  cuid  d'a  choimhthional  e  bhi  daon- 
nan a'  bruidhinn  mu'n  pheacadh,  no  e  bhi 
bruidhinn  uime  fein  agus  mu  na  naoimh 
mar  nach  robh  annta  ach  coin  no  cnuimhean 
na  talmhainn.     Aon  samhradh  a  bha  e  annJ 


ANNS  A'  CHATHAIR 


am  Baile-Mac-Ara  ghleachd  e  ris  a'  cheist  so 
mar  a  ghleachd  lacob  ris  an  aingeal,  ann  an 
teagamh  co  dhiu  a  bu  choir  dha  leantuinn  air 
mar  a  bha  e  a'  deanamh,  no  bu  choir  dha  anns 
a'  chuid  sin  d'a  mhinistrealachd  a  bha  air 
thoiseach  air  an  tuilleadh  cudthroim  a  chur 
air  cuiridhean  grasmhor  an  t-soisgeil.  A' 
cheud  shearmon  a  thug  a  seachad  an  deidh 
dha  dol  air  ais,  labhair  e  uime  so,  agus  dh' 
innis  e  gu'n  robh  e  greis  ann  an  iom-chomh- 
airle,  ach,  ars  esan. 

"  Thainig  guth  thugam  a  labhair  ri  mo 
choguis  le  ughdarras  bho  neamh,  ag  radh, 
Na  stad  thusa,  agus  na  ceil  thusa  ciod  e 
tuarasdal  a'  pheacaidh.  Rach  air  t' 
aghaidh  agus  na  meataich.  Glaodh  gu  h- 
ard  agus  na  biodh  eagal  ort ;  criochnaich 
an  obair  a  thugadh  dhuit  ri  dheanamh. 
Thoir  orra  iad  fein  fhaicinn  ann  an  lagh 
naomh  an  Tighearna,  mar  ann  an  gloine. 
Dean  sin  gun  fhiamh,  oir  mur  dean  thusa 
e,  cha  dean  duine  eile  e  ;  c6  an  duine  eUe 
a  chuireadh  cliu  agus  soirbheachadh  a 
mhinistrealachd  an  cunnart  ?  Ach  coma 
leatsa  cliu  do  shearmonachaidh ;  rach 
thusa  air  t'  ais  agus  innis  do  mo  shluagh-sa 
am  peacadh  agus  an  aingidheachd,  agus 
am  feum  a  tha  aca  air  mo  shlainte." 

Ach  ged  a  bheireadh  e  air  cridheachan 
dhaoine  tuiteam  'n  an  com,  an  uiar  a  bhiodh 
e  a'  rannsachadh  agus  a  sgrtidadh  an  coguis- 
ean  a  thaobh  pheacaidhean  diomhair,  bha 
e  'n  a  shearmonaiche  soisgeulach,  daonnan 
ag  ardachadh  saor-ghras  an  Tighearna  do 
pheacaich.  B'e  aon  de  na  cinn-theagaisg  a 
bu  bhitheanta  air  am  biodh  e  a'  labhairt. 
"  Beannaich  an  Tighearna,  0  m'  anam,  agus 
moladh  gach  ni  a  ta  an  taobh-a-stigh  dhiom 
ainm  naomh-san,"  agus  c6  riamh  a  chual  e 
air  feasgar  comanachaidh  a'  labhairt  air  a 
mhaitheanas,  agus  air  an  t-slanuchadh,  agus 
air  an  t-saorsa,  agus  air  a  bheathachadh  a 
tha  Dia  a'  toirt  d'a  shluagh,  a  b'  urrainn  a 
dhichuimhneachadh  !  Is  e  aon  de  na  nithean 
air  son  am  bi  mise  a'  beannachadh  ainm  an 
Tighearna  mi  fhein,  gu'n  cuala  mi  an  duine 
so  ann  an  laithean  m'  oige. 

A  mach  o  ghrainealachd  a'  pheacaidh,  b'e 
an  cuspair  eile  a  bu  trice  air  am  biodh  e  a' 
bruidhinn,  tirnuigh— gu'm  feumadh  daoine 
gleachd  ri  Dia  gun  sgur  ann  an  iirnuigh  air 
ghaol  an  anam  a  thearnadh.  Agus  cha 
dichuimhnich  mi  gu  brath  cuid  d'a  urnuigh- 
ean  fhein, — iirnuighean  anns  an  robh  irios- 
lachd,  is  urram  diadhaidh,  is  soluimteachd, 
is  cumhachd  an  Spioraid  Naoimh. 

Bha  class  Biobuill  aige  '  nach  fhacas  a 
leithid  eUe  riamh,  ceithir  no  coig  de  cheudan 
(a'  chuid  mhor  dhiubh,  gillean  oga,  ach  bha 
seann  daoine  ann  cuideachd)   a'  suidhe  aig 


a  chasan  mar  gu'm  b'e  Rabbi  a  bha  ann. 
Agus  b'e  sin  a  bha  ann,  fior  Rabbi ;  sgriobh- 
aiche  ealanta  agus  ionnsaichte  d'am  b' 
aithne  nithe  nuadh  agus  sean  a  thoirt  a  mach 
as  an  ionmhas  a  bha  aige.  Bha  mise  a'  dol 
do'n  chlass  sin  coig  bliadhna,  agus  cha 
deachaidh  mi  riamh  ann  gun  rud-eigin 
fhaotainn  ann  a  bheathachadh  m'  inntinn 
agus  mo  spiorad  ;  dh'  fhosgail  e  mo  shuilean 
mar  nach  do  rinn  ach  fear  no  dha  de'n  luchd- 
teagaisg  a  bha  anns  a'  Chollaiste.  Bha  gaol 
anabarrach  aige  air  leabhraichean  briogh- 
mhor,  agus  dhuisg  e  an  gaol  sin  ann  an 
daoine  eile. 

An  diugh  cha  chluinnear  ach  uair  gle 
annamh  ministear  ag  earalachadh  air  daoine 
uUachadh  air  son  a'  bhais,  ach  cha  do  leig 
an  t-Ollamh  Mac  'Ille  Bhain  le  choimhthional 
am  bas  a  dhichuimhneachadh.  Bhiodh  e  ag 
innseadh  dhaibh  na  leabhraichean  a  bhiodh 
aige  ri  ceann  a  leapa  a  dh'  fheitheamh  air 
an  uair  sin — ^na  Sailm,  agus  Iain  Bunyan, 
agus  Plato,  agus  Bellarmine,  agus  Fois  nan 
naomh,  agus  na  laoidhean  so,  Ghreag  a  sgoilt- 
eadh  air  mo  sgath  ;  losa  tMig  do  m'  anam 
gradh  ;  Tha  sruth  mo  re  a'  traghadh.  Bhiodh 
na  briathran  gu  trie  air  a  bhilean,  Ciod  a  ni 
thu  ann  an  onfhadh  lordain  ?  Agus  b'e  sin 
an  ceann-teagaisg  mu  dheireadh  air  an  do 
shearmonaich  e. 

Ann  am  feasgar  anmoch  a  bheatha  sgriobh 
e  an  litir  so  gu  Seumas  Robertson,  kD.D.,  a 
bha  'n  a  cheann  suidhe  air  Seanadh  Eaglais 
na  h-Alba  :— 

"  Moran  taing  dhuit  air  son  do  litreach, 
a  bhrathair.  Tha  mise  moran  na's  breoite 
na  thusa.  A  thaobh  m'  anama  agus  mo 
spioraid,  tha  mi  a'  toirt  thairis  nan 
laithean  a  thug  Dia  dhomh  ann  am  feasgar 
farm  mo  bheatha  gu  bhi  ag  ullachadh  mo 
chridhe  fhein  agus  a'  gabhail  curaim  do  m' 
fhion-lios  fein.  Na  sgriobturan  as  am 
bithinn  a'  deanamh  shearmon  do  dhaoine 
eile,  Daibhidh,  agus  Isaiah,  agus  Pol,  tha 
mi  a  nis  'g  an  tionndadh  air  mo  chridhe 
fein  agus  a  chum  leas  m'  anama  fein.  Tha 
mi  nis  na's  cinntiche  na  bha  mi  riamh  gu'n 
do  ghairmeadh  mi  a  chum  eolas  fhaotainn 
air  plaigh  mo  chridhe  fein,  agus  a  chum 
spairn  a  dheanamh  gus  eolas  fhaotainn  air 
Dia,  agus  air  a  mhac,  agus  air  cumhachd 
an  t-soisgeil  a  shearmonaich  Pol.  Agus  is 
e  m'  tirnuigh  a  h-uile  maduinn, 
0  m'  anam  feith  gu  faidhidneach 
Ri  Dia  a  mhain  mar  chleachd. 
Oir  ann-san  tha  mo  mhuinghinn  threun, 
'S  mo  dhdchas  fein  gu  beachd. 
An  uair  a  bhios  tusa  dluth  ri  Dia,  agus 
tha  fhios  agam  gu  bheil  thu  dluth  dha  a 
ghnath,  cuimhnich  ormsa,  a  charaid." 


Seomraichean  na  Cuimhne 


(Air  a  leantainn) 


FAD  na  h-uine  a  bha  mi  ann  an  Gallipoli 
cha  robh  baiteal  ann  ris  an  abradh  tn 
baiteal  mor  no  tapaid  laidir.  Bha  an  da 
arm  mu  choinnearah  a  cheile  mar  tha 
Dubhairt  agvis  Dun-olla  ;  'n  an  suidhe  arm 
an  digean-lair  agus  a'  draochunn  ri  cheile 
mar  gu  'm  faiceadh  tu  da  chii  chrosda  agus 
gun  fhios  aig  fear  seach  fear  dhiubh  am 
biodh  e  sabhailte  dha  leum  air  an  fhear  eile. 
Sin  mar  bha  sinne  agus  na  Turcaich  ;  a' 
peihstearachd  air  a  cheile  gun  sgur,  a  la 
agus  a  dh'  oidhche,  le  gunnachan  beaga 
agus  gunnachan  mora,  agus  leis  gach  inneal 
sgriosail  eile  a  b'  urrainn  dhaibh  a  thilgeil 
air  a  cheile.  Uair  a  mharbhadh  na  ladaich- 
ean  sin  duine  no  daoine  air  choreigin,  ach 
uairean  eile  nach  deanadh  iad  dad  bu 
mhiosa  na  'n  diol  a  rinn  mucan  a'  chubair 
air  muUain  an  fhir  a  rinn  an  t-6ran  do 
Philot.  An  uair  a  chaidh  mi  air  tir  an 
toiseach  bhithinn  a'  faicinn  nan  soithichean- 
cogaidh  againn  fhein  a'  losgadh  dhararaich- 
ean  eagalach  air  leathad  agus  gualann  beinne 
air  an  robh  digean-lair  nan  Turcach.  Leanadh 
iad  orra  uair  an  uaireadair  an  drasd  agus  a 
ris,  agus  eadar  an  fhuaim  uamhasach  a 
bhiodh  iad  a'  deanamh,  agus  an  talamh 
agus  na  creagan  a  bhiodh  iad  a'  spriodadh 
do  na  speuran,  shaoileadh  tu  nach  biodh 
aon  Turcach  bed  'n  a  dheidh.  Ach  an  uair 
a  stSdadh  na  gunnacha  mora  againne 
thigeadh  na  Turcaich  a  mach  as  na  tuill 
arms  an  robh  iad  am  folach,  agus  thoisich- 
eadh  "iad  air  na  digean-lair  againne  a  chur 
'n  an  smiiidean  gus  an  saoileadh  tu  gu  robh 
deireadh  an  t-saoghail  air  tighinn  m'  ar 
ceann.  Ach  a  mach  o  dhriodfhortain  a 
bhiodh  a'  tachairt  cha  robh  call  nan  daoine 
cho  trom  's  a  shaoileadh  tu,  no  clio  trom 
ri  uamJias  na  gunnaireachd. 

Ach  air  a  shon  sin  tha  cogadh  cosdail  air 
beatha  dhaoine  ;  cha  robh  la  a'  dol  seachad 
nach  robh  cuideigin  de  'n  Eachraidh  Alban- 
nach  air  a  mharbhadh,  no  nach  do  thiodhlaic 
mi  aon  no  dha  de  m'  chompanaich.  Air 
an  dara  la  deug  de  November  1915  tha  so 
sgriobhta  ann  am  leabhar-la,  "  Anns  na 
deich  seachduinean  mu  dheireadh  bha  1310 
de  'n  Eachraidh  Albannach  air  an  cur  do 
'n  ospadal ;  dhiubh  sin  chaidh  376  na  b' 
fhearr  cho  luath  's  gu  'n  do  chuireadh  air 
ais  iad  do  'n  reiseamaid  ;  bha  847  air  an 
toirt  air  falbh  a  Gallipoh  air  bata-ospadail ; 
shiubhail  ceithir  deug  agus  tha  tri  deug  agus 
tri  fichead  anns  an  ospadail  fhathast.  Chan 
'eH  gin  de  na  bha  air  am  marbhadh  gun 


sgrid  air  an  cunntas  'n  am  measg  so  ;  bha 
iadsan  air  an  tiodhlacadh  far  an  do  mhar- 
bhadh iad,  gun  a  bhi  air  toirt  do  'n  ospadail 
idir." 

Lighichean  maith 

Bha  an  t- ospadal  aig  an  Eachraidh 
Albannach  ainmeil  ann  an  Gallipoh  agus 
cha  robh  ionghnadh  ann,  oir  bha  dotairean 
ann  a  bha  ainmeil  ann  an  Albainn,  agus 
aig  an  robh  seasamh  agus  inbhe  'n  an 
dreuchd ;  Maidsear  Richardson,  grainne- 
mullaich  na  ceille  ;  Harry  Wade,  aon  de  na 
dotairean-sgine  a  b'  fhearr  an  Dtm-eideann  ; 
Uilleam  Brun  a  Obair-eathain,  na  )3u 
chiiramaiche  mu  dhaoine  eile  na  bha  e  uime 
fein ;  Uilleam  T.  Ritchie  nach  maireann 
a  bha  'n  a  Phrofessor  an  Oilthigh  Dhun- 
eideann,  agus  feadhainn  eile  de  'n  t-seorsa 
sin. 

Uair  a  chaidh  an  dotair  ainmeil  nach 
maireann  Sir  Victor  Horsley,  air  tir  an 
Suvla,  agus  e  air  a  chur  a  mach  le  Ard- 
Chomhairle  na  Parlamaid  a  thoirt  dhaibh 
cunntas  cothromach  agus  firinneach  air 
obair  nan  ospadal  arms  an  Aird  an  Ear 
chuala  mi  e  a'  moladh  na  h-oibre  a  bha 
Harry  Wade  a'  deanamh  ann  an  seann 
motor  car  a  thug  e  leis  a  Sasunn,  agus  a  dh' 
uidheamaich  e  le  lamhan  fhein  ^gu  bhi  'n 
a  operating  theatre  ;  an  aon  aite  de  'n  t- 
seorsa  sin  a  bha  ann  an  Gallipoli. 

Bha^  moran  {binneis  am  measg  nan  saigh- 
dearan  fad  na  h-iiine  a  bha  iad  thall ; 
malaria,  a'  bhuidheach,  an  tinneas-gearrach, 
no  dysentery,  agus  seorsa-fiabhruis  d'  an 
robh  na  dotairean  a'  toirt  ainm  tir  a  h-uile 
mios.  Cha  robh  fhios  aca  ciod  a  bha  'g  a 
aobharachadh  no  ciod  an  leigheas  a  b' 
fhearr  air  a  shon.  'S  e  arrowroot  am  biadh 
a  bhiodh  iad  a'  toirt  do  dhaoine  air  an  robh 
dysentery,  agus  is  e  aon  de  na  cuunhneachain 
as  soUleire  a  tha  'n  am  inntinn  fhathast  a 
bhi  a'  faicinn  sreath  de  dhaoine  mora  laidir, 
coig  agus  da  fhichead  anns  an  t-sreath,  ag 
ialadh  gu  fann  seachad  air  poit  no  coire 
mor  agus  cocaire  a'  taomadh  arrowroot  le 
ladar  ann  an  soitheach  tin  a  bha  ann  an 
laimh  gach  fir  dhiubh. 

Tha  mi  an  duU  gu  robh  an  duthaich  fallan 
gu  leor,  ach  bha  barr-stuic  dhaoine  oirre, 
gun  dealbh  air  an  aite  a  chumail  glan,  ged 
tha  an  t-arm  maith  air  campaichean  a 
chumail  cubhraidh  agus  glan.  Na  'n  cuir- 
eadh  tu  mile  caora  air  croit  anns  nach  robh 
ach   coig   acraichean   cha   b'  fhada  giis   an 


SEOMRAICHEAN  NA  CUIMHNE 


toisicheadh  iad  air  basachadh.  Sin  mar 
bha  na  daoine  againne  ann  an  Gallipoli ; 
bha  barr-stuic  dhaoine  air  ;  bha  an  talamh 
air  a  shalachadh  leis  a'  bheo  agus  leis  a' 
mbarbb,  agus  far  a  bheil  salchar  agus  aile 
an  t-salchair,  an  sin  bjthidh  a'  chuileag. 
Shaoil  mi  nach  robh  uiread  chuileag  air  an 
t-saoghal  's  a  bha  ahn  an  Suvla. 

An  stoirm  mhor 

Is  e  a'  chuimhne  a  tha  agam  air  Gallipoli 
nach  robh  ann  ach  cuileagan  agus  teas,  ach 
an  uair  a  leughas  mi  an  leabhar-la  a  bhithinn 
a'  sgriobhadh  tha  mi  a'  faicinn  gu  robh  an 
t-uisge  ann  iomadh  la,  agus  fuachd.  cuideachd, 
agus  air  uairean  gaoth  cho  laidir  's  nach  b' 
urrainn  bata  tighinn  gu  cladach.  Ach  bha 
aon  stoirm  ann  air  a  bheil  cuimhne  mhaith 
agam,  stoirm  a  thoisich  air  an  t-siathamh 
la  fichead.  de  November.  Aig  coig  uairean 
's  an  fheasgar  thoisich  i  air  sileadh  cho 
trom  's  gu  'n  saoileadh  tu  gu  robh  an  t- 
uisge  air  a  dhortadh  a  beul  soithich,  is  bha 
an  tein-adhair  cho  lasrach  agus  cho  dian  's 
gu  robh  na  raontan  agus  na  beanntan  cho 
soilleir  's  ged  b'  e  aird  a'  mheadhoin-la  a 
bha  ann.  Lean  i  air  sileadh  fad  cheithir 
uairean,  le.  smuid  ghaoithe  ris  nach  seasadh 
canabhas,  agus  fada  m'  an  do  shiolaidh  a' 
ghaoth  no  m'  an  do  stad  an  t-uisge  b'  fheudar 
do  na  saighdearan  na  digean-lair  fhagail 
oir  bha  suas  ri  da  throigh  a  dh'  uisge  annta, 
agus  ceithir  troighean  anns  an  f headhainn 
a  bu  doimhne,  agus  far  an  robh  na  digean 
air  leathad  bha  an  t-uisge  sin  a'  ruith  mar 
gu  'm  biodh  abhainn,  a  giulan  leis  aodach 
is  biadh  is  gach  rud  eile  a  shnamhadh. 

B'  e  sin  oidhche  Di-haoine  ;  bha  Feachd 
Mhic  Shimi  agus  Eachraidh  Fiobh  a'  dol 
suas  do  na  digean-toisich,  ach  ged  nach  robh 
an  t-astar  a  bha  aca  ri  choiseachd  ach  mu 
mhile  bha  an  leor  aca  ri  dheanamh  an  t- 
astar  beag  sin  a  choiseachd  ann  an  tri 
uairean,  oir  bha  iad  a'  dol  fodha  gu  ruige 
nan  sleisdean  ann  am  poll  creadha.  Bha 
na  Turcaich  a  cheart  cho  dona  dheth  's  a 
bha  na  daoine  againne  ;  fad  na  h-oidhche  a' 
coiseachd  air  bruach  nan  digean  as  an  do 
leum  iad  a  mach,  a'  feuchainn  ri  iad  fhein  a 
chumail  blath.  Bha  an  da  arm  an  oidhche 
ud  gun  bhiadh,  gun  teine,  agus  anns  a' 
mhaduinn,  maduinn  Disathuirne,  bha  uiread 
de  na  daoine  againne  air  am  meileachadh 
's  gu  robh  an  t-ospadal  Ian,  is  bha  e  duilich 
aodach  tioram  fhaotainn  dhaibh.  Bha  Di- 
sathuirne fuar  fuai',  le  frasan  sneachd  agus 
reodhadh  ;  bha  Di-domhnaich  na  bu  mhiosa, 
sneachd  flichneach  a'  sileadh  fad  an  la  agus 
a'  reodhadh  air  aodach  dhaoine  gus  an  robh 
cotaichean-mora  nan  saighdearan  cho  cruaidh 
ri  Itiireach-mhailleach. 


Bha  a  h-uile  ospadal  a'  ciir  thairis  le 
daoine  a  bha  air  an  lathadh,  gun  chainnt 
gun  choiseachd  leis  an  fhuachd,  ach  b' 
fhiach  na  dotairean  am  moladh  air  son 
na  h-oibre  chaomhail  a  rinn  iad  aig  an  am 
ud  ;  a'  leantuinn  orra  gun  fhois  gun  chadal, 
a'  feuchainn  ris  an  deo  a  thoirt  air  ais  ann 
an  daoine  a  bha  dluth  do  'n  bhas,  a'  toirt 
dhaibh  dheochanna  teth,  a'  cur  stocainnean 
tioram  orra,  'g  an  suaineadh  ann  am  plaid- 
eachan,  agus  air  uaireah  a'  cur  ceithir  cheud 
dhiubh  far  nach  robh  rum  ach  do  cheud  gu 
leth.  Ann  an  tigh  coir,  far  a  bheil  bean- 
tighe  mhaith,  ged  bhiodh  an  tigh  Ian,  tha 
rum  ann  daonnan  do  aon  no  dha  eile.  Sin 
mar  bha  ospadal  na  h-Eachraidh  Albannach 
ann  an  laithean  na  stoirme  ;  bha  corr  agus 
ceithir  cheud  duine  ann  aon  la  ged  nach 
cumadh  e  ach  ceud  gu  leth.  ^Is  ann  aig 
Maidsear  Richardson  a  mhain  a  tha  fhios 
ciamar  a  ghabh  so  deanamh. 

Na  Cuimrich 

Ma  bha  cor  nan  daoine  againne  dona  bha 
cor  ar  coimhearsnach  na  bu  mhiosa.  Bha 
Brigade  Chuimreach  laimh  ruinn  a  dh' 
fhag  na  digean-toisich  air  a'  mheadhon- 
oidhche  Di-haoine,  a  mhearrsadh  a  dh' 
ionnsuidh  a'  chladaich  a  dhol  air  bord  air 
a'  bhata  a  bha  'g  an  toirt  air  falbh  a  Gallipoli 
do  'n  Eiphit,  ach  an  uair  a  rainig  iad  an 
cladach  cha  robh  am  bata  romhpa,  oir  bha 
a  leithid  de  stoth  air  a'  chladach  's  nach  b' 
urrainn  bata  dol  faisg  air.  B'  fheudar 
dhaibh  laighe  agus  cadal  air  an  raon  an 
oidhche  sin  agus  Di-sathukn  agus  maduinn 
na  Sabaid,  gun  fasgadh  gun  dealbh,  fo  'n 
dile  agus  fo  'n  doinionn,  fo  'n  t-sneachd  agus 
fo  'n  reodhadh,  gus  mu  dheireadh  an  robh 
iad  a'  caoineadh  mar  phaisdean.  Gus  an 
gnothuch  a  dheanamh  na  bu  mhiosa  fhuair 
iad  stor  anns  an  robh  toscaidean  rum,  ach 
ged  a  chuir  a,n  rum  teas  annta  greis  bheag, 
agus  a  chuir  e  iad  gu  seinn,  b'  fhearr  dhaibh 
a  bhi  as  eugmhais,  oir  chaill  iad  barrachd 
dhaoine  na  chaill  gin  de  na  reiseamaidean 
eile.  Thiodhlaic  mise  ceithir  no  coig  dhiubh 
air  feasgar  na  Sabaid.  Is  e  na  Cuimrich  na 
daoine  aig  am  bu  lugha  fulangas  ris  an 
fhuachd.  Bha  na  Ghiirkas  bheaga  fada  na 
bu  chruadalaiche. 

Mur  faicinn  e  le  m'  shviilean  fhein  cha 
chreidinn  gu  'n  cuireadh  droch  shid  no 
fuachd  daoine  laidir  o  fheum  mar  a  rinn  an 
stoirm  ud.  Bha  deich  mile  duine  air  an 
cur  air  falbh  a  Gallipoli  an  athar  na  droch 
shide,  agus  air  maduinn  Di-ciadaoin  nuair 
a  dh'  isKch  a'  ghaoth,  agus  a  b'  urrainn  na 
bataichean-ospadail  tighinn  dluth  do  thir 
bu  deistinneach  an  sealladh  e  a  bhi  faicinn 


SEOMRAICHEAN  NA  CUIMHNE 


dhaoine  cho  dumhail  ri  seangain  ag  ialadh 
gu  cladach,  fann  agiis  crixbach,  crioplaich 
air  achlasan  a  cheile,  cuid  dhiubh  gun 
bhrogan,  ach  le  niogain  air  an  casan,agus 
meiiran  an  casan  reodhta,  agus  cuid  eile 
dhiubh  gun  ghunna,  gun  mhaileid,  gun 
chota-mor,  gun  bhoinneid,  a'  coiseachd  mar 
gu  'm  biodh  am  fear  a  b'  oige  dhiubh  ceithir 
fichead  bliadhna. 

Thug  mi  an  aire  nach  robh  na  balaich 
oga  a'  seasamh  ris  an  fhuachd  agus  ris  an 
an-shid  cho  maith  ris  na  daoine  a  bha  na 
bu  shine.  Bha  an  fheadhainn  a  bha  os 
cionn  deich  bhadlma  fichead  na  bu  chruaidhe 
agus  na  bu  chruadalaiche.  B'  e  an  t-aobhar 
gu  'n  do  rinn  an  stoirm  an  diol  ud  air  daoine, 
gu  robh  an  aodach  bog  fhuch,  cho  fhuch  's 
ged  bhiodh  iad  air  an  tumadh  anns  an 
fhairge,  an  uair  a  thoisich  an  reodhadh.  Ma 
tha  aodach  tioram  ri  cneas  duine  dh'  fheu- 
madh  am  fuachd  a  bhi  f  iadhaich  a  chuireadh 
o  fheum  e.  Ach  ged  bha  ochanaich  gu  leor 
air  a  dheanamh  mu  'n  stoirm  bha  aon  duine 
am  measg  nan  daoine  againne  nach  do 
ghearain  air  an  fhuachd,  mo  sheana  charaid 
gaolach,  Paruig  Stiubhard,  ard-shealgair 
an  Diuc,  an  duine  bu  shine  anns  an  Eachraidh 
Albannach.  A'  cheud  uair  a  chunnaic  mi 
e  an  deidh  na  stoirme  thuirt  mi  ris,  "  Nach 
b'  fhiadhaich  an  t-sid  a  bha  againn  air  an 
t-seachduin  so  chaidh  ?  "  Sheall  e  anns 
an  adhar  mar  gu  'm  biodh  e  a'  feuchainn 
ri  chuimhneachadh  ciod  an  seorsa  side  a 
bha  ann,  agus  an  sin  thubhairt  e,  "Bha, 
bha  ;  bha  a'  ghaoth  gle  bhiorach."  B'  e 
sin  uile  e,  "  gaoth  bhiorach."  B'  e  Paruig 
Stiubhard  an  duine  bu  chruadalaiche  ri 
fixachd  a  b'  aithne  dhomh  riamh,  agus  ged 
is  mor  am  facal  e,  tha  mi  cinnteach  nach 
robh  duine  eile  ann  an  Gallipoli  an  1915  a 


sheasadh  ri  uiread  fuachd  is  anastachd, 
ged  bha"  e  suas  ri  tri  fichead.  Cha  do  chuir 
e  riamh  'n  a  bheatha  cota-mor  no  cota-uisge 
air,  agus  bha  e  iomadh  la  air  Beinn-a-Chait 
ri  sid  a  bu  mhiosa  na  'n  stoirm  a  bha  againn 
ann  an  Suvla,  an  uair  a  dh'  61  an  t-arm  ann 
an  aon  seachduin,  'g  an  cumail  fhein  blath, 
uiread  Bovril  agus  stuthannan  eile.  a  bu 
laidire  's  gu  'm  plodadh  an  Lochearn  ann. 

Air  Di-sathuirn  na  stoirme  bha  tri  cheud 
a,gus  ceithir  de  'n  Eachraidh  Albannach  air 
an  cur  do  'n  ospadal,  ach  ged  nach  robh 
uiread  de  Fheachd  Mhic  Shimi  air  an  cur 
ann  Di-sathuirne,  bha  barrachd  dhiubh  air 
an  cur  ann  Di-domhnaich  agus  Di-luain, 
agus  bha  barrachd  dhiubh  a  bha  an  casan 
air  an  reodhadh  cho  dona  's  gu  robh  eagal 
air  na  dotairean  gu  'n  cailleadh  feadhainn 
dhiubh  ceann  na  coise. 

Daoine  uasal 

Ged  bha  sinne  agus  na  Turcaich  a'  tapaid 
bha  an  tapaid,  taobh  air  thaobh,  na  bu 
ghlotne  agus  na  b'  uaisle  na  'n  cogadh  salach 
agus  mosach  a  tha  dol  air  aghaidh  an  diugh  ; 
cha  robh  fuath  no  fearg  innte,  agus  cha 
chuala  mi  riamh  aon  de  na  daoine  againn 
fhein  ag  radh  nach  bu  duine-uasal  an  Tur- 
cach.  Aon  la  a  thuit  te  de  na  soithichean- 
adhair  againn  anns  an  fhairge,  dliith  do  'n 
chladach  chaidh  da  gheola  chuice  le  cabhaig 
a  thoirt  aisde  nan  daoine,  ach  ged  a  bha 
na  Turcaich  a'  faicinn  nan  geolachan  agus 
an  cas  anns  an  robh  an  soitheach-adhair 
igus  a  sgioba  cha  do  loisg  iad  aon  urchair 
Dirre  gus  an  robh  na  daoine  air  an  sabhaladh, 
igus  cha  mho  a  loisg  iad  air  na  geolachan^ 
xch  an  uair  a  bha  na  daoine  air  an  toirt 
aisde  loisg  iad  air  an  t-soitheach-adhair 
is  chuir  iad  fodha  i. 


An  Laoidheadair 


Alainn  Liichairt  losa, 
'N  Dim  's  gloine  blath  ; 
Aoibhneas  ann  agus  ceol, 
'S  chan  fhaicear  bron  gu  brath. 

Chan  fhaicear  ann  ceann  crom, 
Tiiirs'  trom  no  cas  ; 
Chan  fhaicear  ciiis  no  coir' 
Air  aon  neach  ann  gu  brath. 

Do  chithear  ann  gu  sior, 
Gnuis  righ  nan  gras 
Do  chithear  sin  'san  Dim, 
SoUlse  a  mhuchas  smal. 


'N  Spiorad  naomh  gu  taitneach, 
Mar  ghathaibh  grein  ; 
'S  e  sgaoileadh  gu  feathach 
Uil'  ghrasan  righ  na  feil'. 

Gorta  's  iota  's  ocras, 
'S  gach  galair  claoidht'  ; 
Deoch  a  tobair  trocair, 
Ni  sast'  iad  sud  a  chaoidh. 

TUl'maid  air  ais  a  ris, 
Gu  righ  nan  gras  ; 
Is  iarr'maid  air  ar  gliin, 
Steach  anns  an  Dim  as  aill'. 


Aireamh  6 


1945 


Crioch  air  a'  Chogadh 


GED  tha  mi  a'  sgripbhadh  mu  chrioch  a' 
chogaidh  m'  an  do  stad  an  tapaid  anns 
an  Roinn-Eorpa  tha  mi  an  dochas  gu  'm 
bi  crioch  air  m'  an  ruig  an  duilleag  so  ar 
luchd-leughaidh.  Agus  buidheachas  do  Dhia 
gu  bheil  crioch  a'  tighinn  air  aiins  an  doigh 
a  bu  mhaith  leinn.  Rinn  Dia  nithean  mora 
air  ar  son,  agus  bu  choir  dhuinn  a  mhaitheas 
aideachadh.  "  Gu  ma  beannaichte  thusa, 
0  lehobhah,  gu  saoghal  nan  saoghal.  Is 
leatsa  a'  mh6rachd,  agus  an  cumhachd, 
agus  a'  ghloir,  agus  a'  bhuaidh,  oir  is  leat 
na  h-uile  a  tha  air  neamh  agus  air  talamh. 
Uait-sa  tha  a'  teachd  saoibhreas  agus  urram, 
agus  tha  thu  a  rioghachadh  os  cionn  nan 
uile.  A  nis,  uime  sin,  ar  Dia-ne,  tha  sinn  a' 
toirt  buidheachais  dhuit  agus  a'  cliuthachadh 
t'  ainm  urramaich." 

Tha  an  Righ  a'  gairm  air  a  shluagh  uUe 
dol  do  thigh  an  Tighearn  air  a'  cheud  Shabaid 
an  deidh  do  'n  chogadh  sgur  a  thoirt  buidh- 
eachas do  Dhia  ann  an  la  na  buadha  mar 
a  dh'  aslaich  sinn  a  throcair  agus  a  chobhair 
ann  an  laithean  dorcha  ar  n-eiginn. 

An  uair  a  bhios  eachdraidh  a'  chogaidh 
so  air  a  sgriobhadh  cha  ruig  Breatunn  a 
leas  naire  a  bhi  oirre  air  son  dad  de  na 
nithean  a  rinn  i.  Cha  chuis-naire  do 
rioghachd  blar  na  dha  a  chall  le  cion  neirt ; 
cha  chtiis-naire  e  gu  'n  do  chuir  namhaid 
laidir  a  mach  sinn  a  Dunkirk,  agus  a  Crete, 
agus  a  Singapore,  ach  bu  chuis-naire  e  mur 
seasadh  Breatunn  ri  a  facal  agus  ris  na 
cumhnantan  a  rinn  i  ri  rioghachdan  eile. 
Cha  deachaidh  i  an  cois  a  facail  eadhon  an 
uair  a  bha  e  cunnartach  dhi  seasamh  ris, 
agus  cha  mho  a  bha  da  bharail  am  measg  a 
sluaigh   a  thaobh   an   dleasdanais   anns   a' 


chogadh.  Anns  a'  chomhstri  uamhasach 
so  ris  a'  (^hearmailt  agus  ris  an  Eadailt 
thaom  Breatunn  a  fuil  mar  abhuinn  agus 
thaom  i  a  mach  ionmhas  nach  gabh  tomhas. 

Air  a'  mhuir  gu  sonruichte  bha  i  'n  a 
didean  do  na  rioghachdan  a  bha  comhla 
rithe,  ach  ann  an  1940-41  an  uair  a  bha  i 
leatha  fhein  bha  i  mar  thigh-soluis  do'n  t- 
saoghal  uile.  B'  e  sin  a'  bhhadhna  anns  an 
do  dhearbh  Breatunn  a,  misneach  agus 
aonachd  a  sluaigh  an  aghaidh  eucoir 
Eilean  mo  ghaoil, 
Is  caomh  learn  eilean  mo  ghrdidh. 
■  Urram  dhaibh-san  as  airidh  air,  ach  gu 
sonruichte  thoireamaid  urram  do  na  daoine 
agus  na  gUlean  a  thug  seachad  am  beatha 
as  leth  na  rioghachd,  agus  anns  an  dochas 
gu  'n  robh  iad  a'  dion  ceartais  agus  saorsa. 
Aig  an  am  so  tha  sinn  'g  an  cuimhneachadh 
agus  'g  an  ionndrainn,  agus  a'  cuimhneachadh 
mar  an  ceudna  air  na  teaghlaichean  sin 
anns  an  rioghachd  a  bhios  an  cridheachan 
air  an  leon  as  tir  le  sgeul  aoibhneach  na  sithe, 
a  chionn  nach  tig  na  balaich  a  dh'  fhalbh 
bhuapa  dhachaidh. 

Ach  ged  tha  cumhachd  na  Gearmailt 
briste,  agus  a  cinn  agus  a  sluagh  air  am 
maslachadh  am  fianuis  ,an  t-saoghail,  tha 
lapan,  a  companach  anns  an  olc,  fhathast 
gun  striochdadh. 

Bu  dona  mur  bitheamaid  deas  aims  na 
l^thean  so  gu  bhi  a'  moladh  America  air 
son  na  ghabh  i  air  a  guaillean  laidir  de  uallach 
a'  chogaidh.  Cha  chur-sios  e  air  rioghachdan 
eile  a  radh  nach  'eU  dochas  as  fhearr  ann  a 
thaobh  sith  an  t-saoghail  na  a'  choguis 
chriosdaU  a  tha  ^nn  an  sluagh  Bhreatuinn 
agus  America. 


Buaidh  air  an  t-saoghal 

Leis  an  Urramach  Ruairidh  Smith,  G.F. 

Is  e  so  a'  bhuaidh  a  bhuadhaicheas  air  an  t-saoghal,  eadhon  ar  creidimh-ne, 
gur  e  losa  Criosd  Mac  Dhe." — Eoin  v.  45. 


IS  iomadh  ionnsaidh  a  thugadh  tre  na 
linntean  air  an  t-saoghal  a  bhuadhachadh 
agus  is  iomadh  doigh  a  dh'  fhiachadh  leis 
gach  se6rsa  cumhachd  is  rioghachd  air  a 
cheannsachadh,  ach  feumaidh.  sinn  aideach- 
adh gu  bheil  e  fathasd  borb  agus  cumhach- 
dach^  a'  toirt  dulain  do  gach  oidhirp  nadurach 


agus  ghibhteil-  Chan  e  gu  bheil  mise  de'n 
dream  a  their  gu  bheil  an  saoghal,  a  dh'ain- 
deoin  a'  chogaidh  le  sgiiirsadh  's  le  chreach- 
adh,  cho  iosal  agus  dona  's  a  bha  e  o  chionn 
linntean.  Tha  iomadh  goireas  agus  bean- 
nachd  againn  an  diugh  nach  robh  aca  's 
na  laithean  a  dh'  fhalbh,  agus  thainig  ann 


BUAIDH  AIR  AN  T-SAOGHAL 


an  iomadh  doigh  piseach  air  an  t-saoghal, 
ach  tha  na  h-innleachdan  coirbte  a  chuireas 
gu  mi-fheum  na  goireasan  agus  na  beannach- 
dan  sin  cho  l^idir  's  a  bha  iad  riamh.  'S 
e  na  h-innleachdan  uamhasach  sin,  agus 
feinealachd  agus  gach  seorsa  peacaidh  eUe 
a  tha  an  t-abstol  Eoin  a'  ciallachadh  leis 
an  t-saoghal  agus,  a  chairdean,  's  fhada  a 
ghabh  sinn  o  bhuaidh  a  thoirt  orra.  Tha 
an  cogadh  so,  taing  do  Dhia,  agus  do  ghais- 
geachd  ar  luchd-cath,  gu  bhi  criochnaichte, 
agus  's  e  sin  an  t-aobhar  air  son  na  ghabh 
mise  an  ceann-teagaisg  so  an  diugh. 

Thugamaid  an  aire,  ma  ta,  nach  smaoinich 
sinn  gu'n  d'  thug  sinn  buaidh  air  an  t- 
saoghal,  mar  a  chleachd  an  t-abstol  Eoin 
am  facal,  an  uair  a  sheidear  trompaid  na 
sithe  air  an  talamh.  Faodaidh  gu'm  bi 
sinne  sgith  ach  bidh  an  saoghal  cho  beo  gu 
cath  's  a  bha  e  riamh  le  airm  agus  le  innleach- 
dan  ura,  agus  tha  mi  an  dochas  gu'm  faighear 
sinn  le  ar  claidheamh  air  ar  leis  cho  dian  a' 
cathachadh  'na  aghaidh  's  a  bha  sinn  an 
aghaidh  Hitler  o  chionn  faisg  air  shia 
bliadhna. 

Geist  dhuilich 

Cionnus  mata  a  tha  sinn  a'  dol  a  thoirt 
buaidh  air  an  t-saoghal  le  chumhachd  ? 
Chan  'eil  a'  cheisd  sin  furasda  fhosgladh. 
Ach  feumar  a  fosgladh  oir  tha  sirm  a'  creid- 
sinn  gu'n  do  chruthaicheadh  mac  an  duine, 
chan  ann  air  son  gu'm  bitheadh  e  'na 
dhiobarach  fo  spoig  an  t-saoghail  ach  gu'm 
bitheadh  e  'na  fliear-buadha  tre  chumhachd 
Dhe.  De  do  bheachd  air  fein-fhiosrachadh 
agus  briathran  an  abstoil  Eoin  mar  f  hreagairt 
do'n  cheisd,  Cionnus  a  bhuadhaichear  air 
an  t-saoghal  ?  "  'S  e  so  a'  bhuaidh  a 
bhuadhaicheas  air  an  t-saoghal,  eadhon 
ar  creidimh-ne  gur  h-e  losa  Criosd  Mac  Dhe.' 
Sin  an  doigh  a  roghnuich  esan  air  son  na 
buadha  agus  c6  their  nach  bu  duine  glic  e. 
Ged  a  tha  faisg  air  da  mhile  bHadhna  bho 
chomhraig  Eoin  an  deagh  chomhrag  tha  na 
dearbh  innleachdan  an  aghaidh  na  chathaich 
esan  's  an  t-saoghal  an  diugh  a'  cathachadh 
'n  ar  n-aghaidh-ne  agus  is  airidh  dhuinn 
eisdeachd  ri  ghuth.  Car  son  a  thagh  esan 
an  creideamh  Criosdail  mar  inneal  na 
buadha  ? 

1.  Tha  iomadh  aobhar  air  an  sin,  ach 
saoilidh  mi  's  a'  cheud  aite  gur  h-e  so  aon 
de  na  h-aobharan,  gu'n  do  theagaisg  Criosd 
dha  c'  aite  am  feumadh  a'  bhuaidh  toiseach- 
adh.  Dh'  fhoghlum  sinn  's  a'  chogadh-sa 
gu'n  caill  ceannard  airm  moran  dhaoine 
gun  aghartas  sam  bith  mar  a  buail  e  's  an 
aite  cheart. 

Ma  tha  thusa  no  mise   a'   dol  a  thoirt 


buaidh  air  an  t-saoghal  feumaidh  sinn 
toiseachadh  's  an  aite  cheart,  againn  f  hein — ■ 
'n  ar  cridhe  fhein  oir  tha  an  saoghal  an  taobh 
an  stigh  dhinn.  Sin  teagasg  agus  doigh 
Chriosd.  Tha  moran  dhaoine  agus  riogh- 
achdan  mar  an  ceudna  a'  smaoineachadh 
gu  bheil  gach  neach  cearr  ach  iad  fhein. 
Sin  an  eigin.  Tha  iad  a'  cosg  moran  tide 
a'  cathachadh  air  an  raon  sin.  Aig  deireadh 
an  latha  bithidh  an  saothair  gun  fheum  ann 
an  suilean  Chriosd  is  dhaoine.  Tha  cuimhne 
againn  cho  mi-fhoidhidneach  's  a  bha 
Criosd  ris  na  Ph^rasaich.  Car  son  ?  Air 
son  nach  robh  breithneachadh  an  fhior 
luchd-cath  'n  an  doigh.  Cha  do  dh'ullaich 
iad  iad  fein  gu  cath  le  bhi  glanadh  an  cridh- 
eachan  fein  le  cumhachd  Chriosd.  Air  an 
aobhar  sin,  arsa  teagasg  Chriosd,  dhearmaid 
iad  priomh  raon  a'  chath  le  bhi  a'  bualadh 
dhaoine  eile.  Cha  do  rinn  cealgaire  saighdear 
math  riamh  ann  an  cath  oir  tha  e  a'  bualadh 
's  an  aite  che^rr.  "  Dh'  fhoghlum  mi," 
arsa  UiUeam  Penn  a  shaothraich  air  son 
saorsa  nan  Innseanach  an  ceann  a  Tuath 
America,  "  gu  robh  da  shaoghal  ann  a  dh' 
fheumainn  a  chosnadh — an  saoghal  a  bha 
an  taobh  a  stigh  dhiom  fhein  agus  am  fear 
a  bha  an  taobh  a  muigh.  A  chairdean,  cha 
b'fhada  sheasadh  innleachdan  uamhasach 
agus  naimhdeil  an  t-saoghaU  na  'n  tuigeadh 
uile  rioghachdan  an  domhainn  teagasg 
Chriosd  's  an  t-seagh  so.  Leis  an  eolas  so 
ghlanadh  iad  iad  fein  gach  aon  fa  leth  bho 
gach  gamhlas  agus  bheireadh  iad  cothrom 
do  chumhachd  Chriosd  oibreachadh  tre  na 
feithean  tre  'm  beil  am  beatha  a'  sruthadh. 
Sin  bunaitean  na  sith  do  rioghachdan  an 
domhainn — ^gach  aon  rioghachd  a'  buadh- 
achadh  tre  Chriosd  an  saoghal  fein  an 
toiseach. 

Ach  de  mu  d'  dheidhinn  fhein.  Is  mise 
agus  tusa  buill  na  rioghachd  agus  chan  'eil 
corp  no  rioghachd  sam  bith  ceart  mur  a  bheil 
gach  baU  ceart.  Tha  moran  againn  a'  fagail 
na  cuise-so  aig  a'  bheagan.  'S  docha  gu 
bheil  thu  ag  radh,  bu  mhath  leam  a  bhi 
buadhmhor  'n  am  bheatha  agus  tha  mi  a' 
dBanamh  mo  dhichill  ach  chan  'eil  tighinn 
agam  air.  Mar  am  fear  turuis  an  Turns  a' 
Chriosdaidh,  tha  mi  uairean  a'  tuiteam  anns 
na  sluic,  uairean  eile  air  mo  thoirt  an  dara 
taobh  le  briathran  ciiiin  luchd  gabhail  na 
shghe  agus  uairean  eile  a'  tuiteam  'n  am 
chadal  air  aghaidh  nan  cnoc.  Cum  air 
d'  aghaidh.  Ma  tha  thu  maille  ris  an  fhear- 
turuis  sin  's  maith  do  chuideachd  oir  thoisich 
thu  's  an  ^ite  cheart,  agus  tre  chumhachd 
agus  stiuradh  Chriosd,  ceannard  luchd-na- 
buadha,  buanaichidh  tu  an  ceann-uidhe  mar 
ghaisgeach. 


BUAIBH  AIR  AN  T-SAOGHAL 


Na  meadhonan  ceart 

2.  'S  an  dara  h-aite,  so  a'  bhuaidh  a 
bhuadhaicheas  air  an  t-saoghal  a  chionn 
gu  'm  beil  e  a'  teagasg  dhuinn  na  h-innealan, 
na  h-airm,  agus  na  meadhonan  ceart  a 
chleachdadh.  Aig  toiseach  a'  ohogaidh  so 
cha  mhor  nach  do  cheannsaich  Hitler  an 
Roinn  Eorpa  gu  leir.  Cha  robh  ar  n- 
innealan  no  ar  n-armachd  freagarrach  no 
pailt  gu  leoir  fa  chomhair  armachd  a' 
Ghearmailtich,  agus  dh'  fhuilig  sinn.  Theab 
sinn  a  bhi  caillte  mar  rioghachd  agus  mar 
shaoghal  agus  bu  mhor  an  call.  Is  cudth- 
romach  an  ni  an  seorsa  inneal  agus  airm 
a  thatar  a'  cleachdadh  's  a'  chath.  Ciod 
iad  na  h-innealan  a  tha  Criosd  a'  tairgsinn 
dhuinn  ?  Chan  'eil  iad  talmhaidh  no  cor- 
porra  or  cha  bhuadhaichear  air  an  t-saoghal 
le  nithean  talmhaidh  no  le  gibhtean  neo- 
choisrigte  dhaoine.  Cha  choisnear  namhaid 
Chriosd  no  saoghal  an  abstoil  Eoin,  agus 
's  e  sin  namhaid  na  h-uile,  le  meadhonan 
talmhaidh  no  le  airm  shaoghalta.  'S  eigin 
na  h-airm  sin  a  chleachdadh  aig  amannaibh 
mar  a  b'  eigin  dhuinn  fhein  's  an  linn  's 
a'  bheil  sinn  bed  oir  tha  sinn  a'  gleachd  ri 
namhaid  nach  tuigeadh  meadhon  sam  bith 
eile,  ach  air  a'  cheann  thall  cha .  bhuadh- 
aichear air  an  t-saoghal  a  tha  an  aghaidh 
Chriosd  anns  an  doigh  sin.  Faodaidh  tu 
rioghaghd  a  chosnadh  le  neart  agus  lamh- 
achas-laidir,  ach  cha  cheannsaichear  spiorad 
le  meadhon  sam  bith  ach  meadhon  spiora- 
dail.  "  Cuiribh  umaibh,"  arsa  an  t-abstol 
Pol  riutha-san  a  bha  cath  ann  an  airm 
Chriosd,  "  uUe  armachd  Dhe,  chum  gu'm 
bidh  sibh  comasach  air  seasamh  an  aghaidh 
cuiibheirtean  an  diabhuil  oir  chan  'eil  sinn 
a'  gleachd  ri  full  no  ri  feoil,  ach  ri  aingidh- 
eachd  spioradaU  ann  an  ionadan  arda." 
An  aghaidh  a'  leithid  sin  cha  tig  buaidh 
cheart  ach  le  armachd  spioradail  Dhe — . 
leasraidh  crioslaichte  le  firinn,  uchd-eideadh 
na  fireaniachd ;  soisgeul  na  sithe ;  sgiath 
a\  chreidimh  ;  clogaid  na  slainte  ;  claidheamh 
an  8pioraid  agus  gnath  iirnuigh. 

Claidheamh  an  Tighearna 

Tha  cuimhne  agaibh  na  h-innealan  a 
bha  aig  Gideon  nuair  a  chaidh  e  mach  an 
aghaidh  nam  Midianach  agus  nan-Amalcach. 
Cha  robh  ach  tri  cheud  fear-cath  ann  am 
feachd  Ghid^oin,  agus  bha  na  Midianaich 
mar  na  locuist  'n  an  luighe  's  a'  ghleann. 
Gu  de  an  seasamh  a  bha  aig  tri  cheud  an 
aghaidh  na  bha  sin  ?  Thoir  fainear  so  ge 
ta,  agus  chi  thu  an  t-eadar-dhealachadh. 
Cha  deach  Gideon  am  mach  ^u  cath  gus  an 
d'fhuair  e  an  t-inneal  ceart.  Sheas  e  fa 
chomhair  fheachd  bhig  fein  agus  thuirt  e 


riutha — "  An  uair  a  sheideas  mise  an 
trompaid,  seidibh-se  na  trompaidean  mar 
an  ceudna  agus  abraibh — "  Claidheamh  an 
Tighearn  agus  Ghideoin."  Bhrfs  na  h- 
innealan  sin  am  feachd  mor  a  bha  'n  a  agh- 
aidh. A  chairdean,  ma  ghabhas  sinn  sin 
mar  shamhla  air  cath  nan  creidhideach  an 
aghaidh  an  t-saoghail  faodaidh  gach  aon 
againn  a  bhi  'na  Ghideon.  Claidheamh  an 
Tighearna  agus  Ghideoin.  Feumaidh  na 
dha  a  bhi  maille  ri  cheile — oir  's  e  Gideon 
an  t-inneal  tre  an  oibrich  Dia  agus  is  tusa 
agus  mise  a  tha  seasamh  aite  Ghideon  an 
diugh.  Armachd  an  abstoil  PhoU,  Claidh- 
eamh Ghideon,  claidheamh  a'  Chriosduidh, 
ceartas,  firinn,  creideamh,  iirnuigh,  agus 
gradh.  Sin  a  chairdean  na  h-innealan  leis 
am  buadhaichear  air  an  t-saoghal.  Bheir 
e  diilain  do  chumhachdan  talmhaidh  ach 
fa  chomhair  nan  innealan  sin,  claidheamh 
an  Tighearna,  armachd  a'  chreidimh  Chrios- 
dail,  air  an  cleachdadh  le  Gideon,  leatsa  agus 
leamsa,  imlichidh  e  an  iiir  agus  tuitidh  e 
mar  dhiobarach  nach  eirich  gu  siorruidh. 

An  ceannard  ceart 

3.  'S  an  treas  aite,  so  a'  bhuaidh  a  bhuadh- 
aicheas  air  an  t-saoghal  a  chionn  troimhe 
gu  bheil  sinn  a'  faighinn  an  ceannard  ceart. 
'S  math  a  bha  fhios  aig  an  abstol  Eoin  air 
a  sin  agus  chaidh  e  gu  brigh  na  cuise  nuair 
a  thuirt  e — "  Co  e  a  bhuadhaicheas  air  an 
t-saoghal  ach  esan  a  tha  creidsinn  gur  h-e 
losa  Criosd  Mac  Dhe."  Tha  cumhachd  agus 
siol  na  buadha  ann  an  sin — "  Gur  h-e  losa 
Criosd  Mac  Dhe."  Sin  a'  bhuaidh.  Chan 
e  mhain  gur  duine,  no  gur  duine  ceart  e,  no 
gur  h-e  fear-teasgasg  e.  Tha  e  na  nithean 
sin  uile  ach  tha  e  tuilleadh  is  sin.  Is  Mac 
Dhi  e.  Tha  ughdarras  agus  cumhachd  Dhe 
aige,  tha  barrachd  aige,  tha  Dia  fein  ann — 
"  mise  agus  an  t-  Athair  is  aon  sinn."  Tha 

Dia  ann  an  Criosd  a'  deanamh  an  t-saoghail 
reidh  ris  fiin."  Sin  an  ceannard  ceart  do 
gach  rioghachd  agus  do  gach  neach — 
"losa  Criosd  Mac  Dhe."  Thug  e  buaidh 
e  fein  's  an  doigh  cheart,  chan  ann  le  bhi 
sgrios  an  t-saoghail  no  dhaoine  ach  le  bhi 
a'  tionndadh  an  t-saoghail  gu  bhi  rMh  ris 
fein. 

Chathaich  e  an  aghaidh  na  bha  de  naimh- 
deas  's  an  t-saoghal  ach  b'e  rim  agus  a 
dhoigh  a  bhi  tearnadh  an  t-saoghail  agus 
tha  e  a'  deanamh  sin  tre  bheatha  is  tre 
bhas.  Sin  a'  bhuaidh -san  agus  cha  bhuadh- 
aichear air  doigh  eile. 

Tha  sinn  sgith  de  dhdighean  eile  oir  tha 
iad  a'  treorachadh  gu  neo-bhrigh  agus  gu 
ainneart.      Dh'   fhaodadh   sinn   bratach   na 


4 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


sithe  a  chur  suas  ann  am  meadhon  na 
cruintie  na'n  glacadh  an  creidimh  so — ■ 
"  Gur  e  losa  Criosd  Mac  DM  " — -greum  air 
cridheachan  rioghachdan  agus  dhaoine  agus 
gu  leanadh  iad  esati  mar  cheannard  na 
buadha  oir  thug  e  buaidh  air  an  t-saoghal 


e  fein  agus  tha  e  a'  comh-phairteachadh  na 
buadha  sin  riutha-san  a  chreideas  ann. 
Tha  e  ag  radh  an  ni  ceudna  an  diugh  agus  a 
thuirt  e  ri  dheisciobuil  o  chionn  dk  mhile 
bliadhna,  "  A  chionn  gu'n  tug  mise  buaidh — 
bheir  sibhse  buaidh  mar  an  ceudna." 


Creideamhan  Nebnach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.A.,  an  Oovan. 
IV.  SPIORADALACHD  NODHA 


BHA  e  riamh  'na  cheist  air  daoine,  "  Ma 
bhasaicheas  duine,  an  tig  e  beo  ?  (lob 
xiv.  14).  Tha  e  nadurra  do'n  duine,  coma 
CO  e,  gu'm  biodh  e  a'  sealltuinn  thar  geatachan 
a'  bhais.  Is  tearc  iad  a  charaicheas  luchd 
an  graidh  anns  an  iiir  gun  a  bhi  smuaineach- 
adh,  "  Am  faic  sinn  a  rithisd  iad  1  "  - 

Cho  fada  air  ais  's  gu'n  teid  sinn  ann  an 
eachdraidh  an  t-saoghail,  tha  sinn  a'  faotainn 
dearbhaidhean  gu'n  robh  a'  mhor-chuid  de 
chlann  nan  daoine  a'  creidsinn  ann  am  beatha 
air  taobh  thall  na  h-uaighe,  agus  anns  an 
t-saoghal  an  diugh  am  measg  gach  seorsa 
sluaigh  anns  gach  duthaich,  sluagh  ionn- 
saichte  agus  sluagh  borb  is  aineolach, 
gheibhear  an  creideamh  so  ann  am  beatha 
shiorruidh.  Tha  e  fior  gu'm  bheU  eadar- 
dhealachadh  bheachdan  am  measg  dhaoine 
a  thaobh  gu  de  seorsa  beatha  a  tha  feitheamh 
oirnn  anns  an  t-saoghal  spioradail,  agus 
a  thaobh  ciamar  as  coir  ullachadh  fa  chomh- 
air  na  beatha  sin,  ach  air  ctilaibh  gach  eadar- 
dhealachadh  smuaint  tha  an  creideamh 
cumanta  so,  gu'm  bheil  na  mairbh  beo 
ann  an  saoghal  spioradail. 

Ciamar  a  dh'eirich  an  creideamh  so  an 
toiseach  chan  aithne  dhuinne.  Tha  cuid 
ag  radh  gur  ann  mar  so  a  thainig  an  duine 
ann  an  oige  an  t-saoghaU  gu  bhi  a'  creidsinn 
gu'm  bheil  na  mairbh  da  rireabh  beo. 
Bhiodh  daoine  ag  aisUng,  mar  a  bhitheas 
daoine  fhathast  a'  deanamh,  agus  'n  am 
bruadaran  bhiodh  iad  a'  faicinn  an  cairdean 
a  fhuair  bas,  agus  'g  am  faicinn  mar  gu'm 
biodh  iad  fhathast  beo.  Mar  sin  chreid  iad 
gur  e  spioradan  beo  an  cairdean  marbh 
a  bha  a'  comhradh  riutha  ann  am  bruadaran 
na  h-oidhche. 

'S  fhearr  leam  fhein  a  bhi  creidsinn,  an 
uair  a  chruthaich'Dia  an  duine,  rinn  e  e  air 
a  leithid  de  dhoigh  's  gu'm  bheU  e  nadurra 
do'n  duine  a  bhi  creidsinn  ann  am  beatha 
shiorruidh.  Is  e  n^dur  an  duine  a  bhi 
acrach  air  son  bidh  is  dibhe  d'a  chorp ; 
agus  tha  e  a  cheart  cho  nadurra  dha  a  bhi 
a'    miannachadh    na    beatha    shiorruidh. 


Ach  anns  na  linntean  so,  mar  a  tha  fhios 
againn  uile,  tha  moran  de  dhaoine  air 
creideamh  anns  a'  bheatha  shiorruidh  a 
thilgeil  bhuapa.  Air  am  meaUadh  le  teag- 
asgan  ura,  agus  a'  saoilsinn  gu'm  bheil 
e  na  's  fhasanta  a  bhi  cur  cuil  ri  creideamh 
an  sinnsearan,  tha  moran  ag  amharc  air  a' 
bhas  mar  chrioch  nan  uile  nithean.  Mar 
a  tha  aon  de  na  feallsanaich  againn  ag  r^dh, 
"  Tha  mise  a'  creidsinn  an  uair  a  tha  duine 
marbh  gu'm  bheil  e  da  rneabh  marbh." 
Agus  chan  e  idir  sluagh  borb  aineolach 
Africa  a  tha  ag  amharc  mar  so  air  a'  bhas, 
ach  daoine  foghluimte  'n  ar  measg  fhein. 
Tha  call- creidimh  anns  a'  bheatha  shiorruidh 
a'  dol  lamh  air  laimh  le  bhi  a'  diultadh 
agus  ag  aicheadh  soisgeul  Chriosd.    , 

laxrtus  a'  chridhe 

Aig  a'  cheart  am,  tha  e  soiUeir  nach 
urrainnear  iarrtusan.  nadurra  a'  chridhe  a 
mhuchadh  mar  so.  An  uair  a  sheasas  an 
duine  a  tha  ag  aicheadh  Dhe  agus  a'  deanamh 
fanoid  air  an  t-soisgeul  ri  taobh  uaigh  a 
leanaibh  fhein,  chan  m-rainn  dha  gun  a  bhi 
a'  ceasnachadh  mu  bhas  agus  mu  shaoghal 
nam  marbh.  Mar  a  tha  an  t-Ard-OUamh 
Iain  Baillie  ag  radh  ann  an  aon  de  a  leabh- 
raichean  :  "  Ma  's  e  sin  a  bheachd,  faodaidh 
duine  a  bhi  coma  c6  dhiu  tha  no  nach'eil 
beatha  eUe  ann  air  taobh  thall  na  h-uaighe  ; 
ach  chan  'eil  coir  aig  neach  sam  bith  a  bhi 
coma  a  thaobh  beatha  eile  air  son  luchd  a 
ghraidh."  Ma  tha  e  coma,  chan  e  duine 
nadurra  a  tha  ann. 

'S  ann  do  bhrigh  agus  gu'm  bheil  uibhir 
dhaoine  an  diugh  ri  bron  air  son  luchd  an 
graidh,  agus  uibhir  dhiubh  agus  gun  eolas 
aca  air  soisgeul  Chriosd,  agus  fhathast  tha 
an  cridheachan  a'  glaodhach  a  mach  air 
son  cinnte  mu  thimchioll  na  beatha  shior- 
ruidh, a  tha  teagasgan  agus  cleachdanna 
nan  Spioradalach  Nodha  ("  Spiritualists  ") 
a'  tarruing  a  leithid  de  dhaoine  air  falbh. 

Tha  mi  a'  gairm  "  Spioradalaich  Nodha  " 
de'n  fheadhainn  so  a  chionn  's  gu'm  bheil 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Oiosduidhean  ann  an  seagh  'n  an  Spiora- 
dalaich  cuideachd.  Sin  ri  rMh,  tha  Eaglais 
Chriosd  a'  creidsinn  ann  an  saoghal  nan 
spiorad  agus  anns  a'  bheatha  shiorruidh, 
a'  creidsinn  gu'm  bheil  na  nithean  a  chithear 
aimsireil  ach  gu'm  bheil  na  nithean  nach 
fhaicear  siorruidh.  Tha  na  "  Spioradalaich  " 
a'  creidsinn  ann  am  moran  eile  nach'eil 
Criosduidhean  a'  creidsinn.  'S  ann  ^o 
bhrigh  nan  creideamhan  ura  agus  neonach 
so,  a  tha  mi  a'  caradh  an  fhacail  "  Nodha  " 
no  "  Nuadh  "  riutha. 

Am  measg  nan  Spioradalach  tha  iomadh 
seorsa,  ach  faodar  an  roinn  'n  an  da  bhuidh- 
eann. 

Na  Spioradalach  Chriosdail 

(1)  Anns  a'  cheud  aite  tha  againn  an 
fheadhainn  a  tha  dol  fo'n  ainm,  "  Na 
Spioradalaich  Chriosdail "  ("  Christian 
Spiritualists  ").  Tha  an  fheadhainn  so  'n 
am  buill  ann  an  Eaglaisean  Criosdail,  agus 
tha  eadhon  ministearan  'n  am  measg  ;  air 
neo  thaiad  ann  an  comuinn  dhaibh  fhein 
far  am  bheil  iad  a'  leantuinn  gu  ire  mhath 
teagasgan  soisgeul  Chriosd.  Tha  na  Spiora- 
dalaich Chriosdail  a'  creidsinn  ann  an  Criosd 
mar  Shlanuighear  agus  anns  an  Reite,  ach 
comhla  ri  sin  tha  iad  a'  creidsinn  gu'm  bheil 
e  comasach  dhuinne  anns  an  t-saoghal  so 
seaUadh  fhaotainn  air  an  t-saoghal  spiora^ 


dail,  agus  gu  sonruichte  gu'm  bheil  e  an 
comas  do  spioradan  nam  marbh  teachdair- 
eachdan  a  chur  d'ar  n-ionnsaigh.  Anns  a' 
Bhiobull,  their  iad,  tha  moran  de  thachar- 
tasan  air  an  sgriobhadh  sios  nach  urrainn 
dhuinn  a  thuigsinn  mar  an  amhairc  sinn 
orra  anns  an  doigh  so — gu'm  bheil  iad  'n 
an  comharraidhean  air  a'  cho-chomunn 
dhluth  a  tha  eadar  saoghal  nan  spiorad  agus 
an  saoghal  so.  Am  measg  nan  tachartasan 
a  tha  iad  a'  togail  mar  so  tha  na  h-amannan 
anns  an  robh  Dia  a'  labhairt  ri  daoine  ann 
an  seallaidhean  agus  aisUngean,  ainglean  a 
bhi  tadhall  air  daoine,  guthan  a  bhi  air  an 
cluinntinn,  mar  a  chualas  aig  Baisteadh 
Chriosd  agus  mar  a  chuala  Samuel  agus 
e  'na  leanabh  ;  an  sealladh  a  chunnaic  Elisa 
air  carbadan  an  Tigheama  a'  cuairteachadh 
Shamaria,  agus  Saul  a'  labhairt  ri  spiorad 
Shamuel  aig  Endor,  agus  Maois  is  EHah 
comhla  ri  losa  air  Beinn  a'  Chruth-athar- 
raichaidh,  agus  na  seallaidhean  a  chunnaic 
na  deisciobuU  air  losa  an  deigh  Ais-eirigh. 
A  nis,  tha  sinne  a  tha  creidsinn  ann  an 
soisgeul  Chriosd  ag  aideachadh  gu'm  bheil 
saoghal  spioradail  ann  agus  gu'm  faod  sinn 
co-chomunn  a  bhi  againn  ris  an  t-saoghal  sin, 
agus  gu'm  bheil  am  Biobull  Ian  dhearbhaid- 
hean  air  so.  Ach  's  e  rud  eile  a  tha  ann  a 
bhi  creidsinn  gur  urrainn  na  mairbh  teach- 
daireachd  a  chur  d6  ar  n-ionnsaigh. 


(n  leantuinn) 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


ANNS  a'  bhliadhna  1888  chaidh  fear  d'  am 
b'ainm  Pennell  agus  a  bhean  air  thurus  do'n 
Ghaidhealtachd,  da  chxeutair  chrosda  nach 
robh  furasd  an  toileachadh,  oir  cha  robh 
^ite  an  deachaidh  iad  nach  robh  gearan 
air  choreigin  aca  r'a  dheanamh.  Chan 
fhaca  iad  anns  a'  Ghaidhealtachd,  no 
anns  na  h-eUeanan  gu  sonruichte,  ach 
sluagh  bochd,  salach,  leasg ;  sluagh  gun 
,  Bheurla,  gun  sgoil ;  sluagh  gun  sonas,  gun 
cheol-gaire,  air  an  sarachadh  agus  air  an 
cumail  sios  le  tighearnan-fearainn.  Ach  tha 
taobh  eUe  air  a'  MhaoU,  agus  theagamh  na'm 
b'  urrainn  dhaibh  a  chluinntinn  ciod  a 
theireadh  na  daoine  a  bha  gun  Bheurla  gun 
teanga,  umpa-san,  an  deidh  dhaibh  falbh, 
nach  abradh  iad  gu'n  robh  iad  cho  maol  no 
gu'n  robh  iad  uile  gu  leir  gun  cheol-gaire. 

Chan  'eil  e  idir  furasda  do  dhaoine  a 
theid  air  chuairt  do  dhuthaich  eile  beachdan 
cothromach  fhaotainn  mu  mhuinntir  na 
duthcha  anns  a  bheU  iad  a'  siubhal.       Ach 


air  a  shon  sin  bidh  iad  'g  an  toirt  dhuinn, 
mar  gu'm  biodh  aithne  cheart  aca  air  gne 
agus  nadur  an  t-sluaigh.  Ach  is  e  sin  rud 
a  tha  duUich  fhaotainn.  An  uair  a  chluinn- 
eas  tu  duine  a'  toirt  cliu  sonruichte,  cliii  a 
tha  'gan  dealachadh  bho  an  coimhearsnaich, 
air  muinntir  baUe,  no  air  muinntir  eUein, 
no  air  muinntir  siorramachd,  no  air 
muinntir  dilthcha  air  bith,  tha  an  t-am  agad 
dol  'n  ad  earalas,  air  eagal  gu'n  cuir  e  air 
seachran  thu,  air  ghaol  tapachd  a  sheanchais 
fein.  Tha  a  h-uUe  seorsa  dhaOine  anns  a 
h-uUe  aite  ;  daoine  mear  is  daoine  dubhach  ; 
daoine  fialaidh  is  daoine  spiocach  ;  daoine 
coibhneil  is  daoine  mosach,  air  chor  agus 
nach  'eil  e  furasda  dhuit  sluagh  duthcha  uUe 
a  chomharrachadh  leis  an  aon  dath.  An 
uair  a  chluinneas  tu  duine  ag  innseadh  gu 
bheil  MuUich  maol,  is  Collaich  crabhach,  is 
Liosaich  breugach,  is  Leodhasaich  leasg,  no 
gu  bheil  muinntir  Pheairt  saoghalta,  is 
muinntir  Obar-eadhain  cruaidh,  is  muinntir 
Eirinn  olc,  cha  ruig ,  thu  leas  sin  a  ghabhail 


ANNS  A'  CHOILLE  BAEITHE 


mar  fhirinn  uile  gu  leir.  Bidh  iad  a'  cur 
air  na  Hearaich  gu'n  do  chuir  an  Eaglais 
Shaor  asda  na  bha  annta  riamh  de  chridh- 
ealas  no  de  abhacas,  ach.  b'e  seana  bhodach 
anns  na  Hearadh  duine  a  b'  eibhinne  agus 
a  bu  chridheile  a  thachair  riamh  orm,  agus 
a  thaobh  crabhadh  nan  CoUach,  b'  ann  an 
acarsaid  Airidh-nan-Gobhar  ann  an  Colla  a 
chuala  mi,  o  bheul  Collaich,  na.  briathran  a 
b'  uamhasaiche  a  chuala  mi  riamh,  briathran 
cho  salach  toibheumach  's  gu'n  cuireadh  iad 
orfais  air  Satan  fein. 

Roinn  chothromach 

Tha  gach  seorsa  dhaoine  anns  a  h-uUe 
aite,  agus  bidh  e  air  uairean  a'  tighinn  a 
steach  air  m'  inntinn  gu'm  biodh  e  moran  na 
b'  fhasa  an  saoghal  a  riaghladh  na  tha  e, 
na'n  gabhadh  gach  seorsa  cumail  air  leth  ; 
na  'm  biodh  a  h-uile  duine  mosach  anns  an 
Roinn-Eorpa  air  an  cruinneachadh  comhla 
agus  air  an  cur  air  an  ais  do'n  Ghearmailt 
as  an  d'thainig  iad  ;  na  daoine  a  tha  ain- 
diadhaidh  agus  neo-mhoralta  air  an  cur 
dhachaidh  do'n  Fhraing  ;  daoine  borb  air  an 
cruinneachadh  do  Russia,  agus  daoine  leasg 
do'n  Tuirc  ;  agus  a  h-uile  duine  coir  ciallach 
air  fhagail  ann  an  Sasunn,  an  dtithaich  d' 
am  buin  iad  gu  nadurra.  Chuirinn 
muinntir  Eirinn  ann  an  crich  ris  a' 
Ghreig,  far  am  faigheadh  iad  an  leoir  de 
thapaid,  ach  leiginn  leis  na  h-Albannaich  iad 
fein  a  sgaoUeadh  air  feadh  an  t-saoghail, 
agus  suidhe  ann  an  caithrichean  nan  uachd- 
aran,  mar  dhuais  am  macantais.  Nach  'eil 
e  air  a  radh  anns  a'  Bhiobull  gu'n  sealbhaich 
na  daoine  macanta  an  talamh  mar 
oighreachd!  Agus  ciod  a  tha  sin  a'  ciall- 
achadh  ach  gur  coir  cead  an  coise  a  thoirt  do 
mhuirmtir  Albainn  air  feadh  an  t-saoghail! 

Bhiodh  e  furasda  an  saoghal  a  riaghadh  na 
'n  robh  an  sluagh  air  an  roinn  air  an  doigh  so, 
seach  a  bhi  am  measg  a  cheUe  mar  a  tha 
iad,  ach  theagamh  nach  'eil  fear-meas  air 
thalamh  ris  an  earbadh  na  rioghachdan  an 
roinn  so  a  dheanamh.  An  earbadh  tu  fhein, 
a  leughadair,  ri  G«armailteach  a  radh  c6 
as  macanta,  thu  fhein  no  esan  ? 

Muinntir  Obar^eadhain 

Ged  a  bhithear  a'  cur  as  leth  muinntir 
Obar-eadhain  gu  bheil  iad  na's  spiocaiche  na 
daoine  eUe  theagamh  nach  'eil  ann  an  sin 
ach  rud  a  thubhairt  namhaid  umpa.  Tha 
uiread  sgeulachdan  air  an  aithris  mu 
spiocaireachd  agus  crine  Obar-eadhain  's  a 
tha  air  aithris  mu  euchdan  na  Feinne,  agus 
theagamh  nach  'eil  barrachd  firinn  anns  an 
dara  seorsa  na  tha  anns  an  t-seorsa  eile; 


Tha  cuid  de  na  sgeulachdan  a  bhithear  ag 
itinseadh  mu  Obar-eadhain  cho  sean  ris  a' 
cheo,  agus  gheibhear  iad  anns  a  h-uUe 
dtithaich  fo'n  ghrein,  cho  fada  air  falbh  ri 
Bagdad  is  Benares,  agus  air  an  innseadh  mu 
ludhaich  agus  mu  Arabaich.  An  uah  a 
thachras  duine  ormsa,  agus  a  thoisicheas  e 
air  rabhart  mu  chrine  muinntir  Obar-eadh- 
ain, tha  fhios  agam  gu  maith  gu  bheil 
naidheachd  ur  aige  a  tha  mar  theine  'n  a 
chnamhan  gus  an  innis  e  i.  Ach  tha 
amharus  agam  daonnan  gur  e  muinntir 
Obar-eadhain  fhein  a  rinn  an  naidheachd, 
agus  gu  bheil  e  'na  urachadh  d'  an  spiorad 
a  bhi  cluinntinn  dhaoine  eile  'ga  h-inns- 
eadh. 

Tha  fichead  doigh  neonach  aig  naisinn 
Albainn  air  fearas-chuideachd  a  dheanamh, 
agus  chan  'eU  e  furasda  do  choigreach  aig 
a  bheil  inntinn  mhaol  a  dheanamh  a  mach  co 
dhiubh  a  tha  muinntir  Obar-eadhain  ann 
am  feala-dha  no  ann  an  da-rireadh.  Is 
e  leabhar  an  Deadhain  Ramsay  leabhar 
as  abhachaiche  a  bha  riamh  air  a  sgriobh- 
adh  mu  mhuinntir  Albainn,  ach  is  ann 
a  Obar-eadhain  a  fhuair  e  a'  chuid  as  motha 
de  na  naidheachdan  a  tha  anns  an  leabhar. 

Taobh  Loch  Tatha 

Am  measg  nan  Gaidheal  tha  am  facal 
Eirionnach  a'  ciallachadh  duine  carach  no 
duine  olc  ;  nach  e  'n  t- Eirionnach  e!  Ach 
ciod  a  their  thu  ris  an  naidheachd  so  a  tha 
air  a  h-innseadh  le  Alpha,  brathair  Omega. 
"  Sheas  sinn  aig  dorus  a'  bhothain  (ann  an 
Eirinn)  agus  dh'  fheoraich  sinn  am  faigh- 
eamaid  deoch  bhainne.  Thubhairt  a'  chaile 
dhubh  a  thainig  a  dh'  ionnsuidh  an  doruis 
gu'm  faigheamaid  sin,  agus  dh'  iarr  i 
oirnn  dol  a  steach.  Thugadh  dhuinn 
caithrichean  agus  rinneadh  ar  beatha,  agus 
an  ceann  greis  thainig  a'  chaile  agus  mias 
mhor  aice  Ian  de  bhainne,  agus  da  chupan, 
is  dh'  iarr  i  oirnn  sinn  fhein  a  chuideachadh. 
An  uair  a  bha  sinn  a'  falbh,  thubhairt  sinn 
"  Gu  de  a  tha  againn  ri  phaigheadh  ?  " 
"  Ri  phaigheadh,"  ars  an  t-seana  bhean  a 
bha  aig  an  teine,  "  chan  'eU  dad  ;  chan 
'eil  bothan  ann  an  Eirinn  anns  nach  fhaigh  an 
coigreach  deoch  bhainne." 

Sin  a'  cheud  chuid  de'n  naidheachd, 
ach  so  an  deireadh  aice.  "  Bha  sinn  a' 
dol  bho  Obar-Pheallaidh  gu  CUl-fhinn,  agus 
le  teas  an  latha  thMnig  am  pathadh  oirnn. 
Chaidh  sinn  suas  gu  tigh  beag  grinn  a  bha 
ri  taobh  an  rathaid,  tigh  air  an  robh  coltas 
na  gloine  agus  a'  phailteis.  BhuaU  sinn 
aig  an-  dorus  ;  thainig  geamair  mor  laidir 
a  mach  agus  dh'  fheoraich  e  ar  gnothuch. 


AIG  AN  UINNEIG 


An  lathair  a'  gheamair  bha  sinn  'g  ar  faireach- 
duinn  fhein  fada  fada  air  falbh  o'n  tigh, 
ach  dh'  fheoraich  sinn  an  gabhadh  deoch. 
bhainne  faotainn.  Gun  aon  fhacal  a  radh, 
thionndadih  e  air  a  shail,  agus  an  ceann 
greis  thainig  a  bhean  a  mach  agus  am  bainne 
aice  dhuinn,  boirionnach  air  an  robh  coltas 
sgoinneil  ach  gun  aoibh  air  bith  air  a  h- 
aodann.  An  uair  a  bha  sinn  ag  61  a'  bhainne 
sheas  i  mu  'r  coinneamh,  a'  sealltuinn  air 
Sith-chailleann,  ach  diog  cha  d'  thainig  as  a 


beul.  Dh'  61  sinn  ar  deoch  ann  an  cabhaig, 
oir  bha  sinn  a'  faireachduinn  'n  a  lathair 
nach  bu  ch6ir  titti  a  chall  agus  nach  'eil 
ann  an  seanchas  ach  amaideas.  "  Gu  de 
a  tha  againn  ri  phaigheadh  ?  "  "  Sia  sgillin- 
nean,"  ars  am  boirionnach,  agus  thionndaidh 
i  air  a  saU  is  dhiiin  i  an  dorus.  Bha  an  tigh 
glan  agus  coltas  na  sgoinne  air  na  daoine, 
ach  bha  ni-eigin  a  dhith  air  de'n  bhl^ths  agus 
de  sholus  a  chridhe  a  fhuair  sinn  anns  a' 
bhothan  eile." 


Aig  an  Uiimeig 


An  t-Ollamh  Buairidh  Mac  Ledid 

Bithidh  muinntir  na  Gaidhealtachd  uile, 
gu  s6nruichte  missionaraidhean  na  h-eaglais, 
duilich  a  chluinntinn  gu  'n  do  leig  an  t- 
Ollamh  Ruairidh  Muc  Leoid  dheth  a  dhreuchd 
aig  an  t-Seanadh  am  bliadhna,  an  dreuchd 
a  bha  aige  mar  Ard-chiobair  thairis  air 
missionaraidhean  anns  a'  Gh^idhealtachd 
agus  anns  na  h-Eileanan.  B'  e  sin  a  chiobair- 
eachd  chaomhail  air  a  bhraithrean,  oir  bha 
barrachd  de  'n  hhrathair  ann  an  Ruairidh 
Mac  Le6id  na  bha  ann  de  'n  bhuachaille. 
Dh'  fhaodadh  e  a  bhi  air  radh  uime  le  firinn 
gu  'm  b'  esan  Caraid  nam  missionaraidhean, 
oir  bha  e  'n  a  fhear-comhairle  agus  'n  a 
fhear-dion  agus  'n  a  chul-taic  dhaibh  mar 
nach  robh  duine  eile  anns  an  Tigh  jMhor  an 
Dim-eideann,  a'  casgadh  ghaoithean  fuar  agus 
biorach  a  bhios  air  uairean  a'  seideadh  o 
'n  aird  an  Ear. 

Tha  moran  de  dhaoine  anns  an  taobh 
Deas,  aig  nach  'eU  e61as  air  farsuingeachd 
nan  sgirean  Gaidhealach,  titheach  air  a  bhi 
saoUsinn  nach  'eil  feum  againn  air  uiread 
mhissionaraidhean  's  a  tha  againn,  ach  bha 
Ruairidh  MacLe6id  a'  cumail  fa  chomhair 
na  h-eaglais  gun  sgur  nach  biodh  6rduighean 
an  t-soisgeil  air  am  frithealadh  ann  an 
iomadh  aite  idir  na  'm  biodh  an  sluagh  an 
urra  ri  ministearan  a  bha  fada  bhuapa, 
agus  mar  sin  gu  'n  robh  feum  air  mission- 
araidh  anns  gach  cearn  iomallach  anns  an 
robh  sluagh  nach  b'  urrainn  ministear  dol 
chuca. 

Tha  mi  an  duil  nach  robh  e  riamh  air  a 
chur  sios  gu  soilleir  no  gu  riaghailteach  air 
paipear  ciod  an  obair  no  ciod  an  t-ughdarras 
a  bhuineas  do  'n  dreuchd  anns  an  do  chuir 
an  eaglais  an  t-Ollamh  Mac  Le6id.  Bu 
le6r  leis  an  eaglais  fhios  a  bhi  aice  gu  'n  d' 
fhuair  i  an  duine  ceart,  agus  gu  'm  faodadh 
i  leigeil  leis  a  dhreuchd  a  choimhlionadh 
mar  a  sheoladh  a  thuigse  agus  a  ghliocas 
fhein  e.  O  thoiseach  a  th6iseachaidh  bha 
Ruairidh  Mac   Le6id  Ian  airidh  air   an  t- 


saorsa  sin  ;  a'  meudachadh  ann  "an  e61as, 
ann  an  tighdarras,  ann  an  obair,  gus  mu 
dheireadh  am  b'  e  an  fhior  cheann  air  obair 
na  h-eagiais  anns  a'  Gh^idhealtachd  agus  na 
h-Eileanan. 

Bha  ro-churam  mu  na  missionaraidhean 
Gaidhealach  daonnan  'n  a  chridhe  ;  an  la 
nach  biodh  e  a'  tagradh  air  son  tuilleadh 
tuarasdail  a  thoirt  dhaibh,  bhiodh  e  ag 
iarraidh  tighean  a  b'  fhearr  a  thoirt  dhaibh, 
no  a'  cur  dealbh  air  tigh-coinnimh  a  chur 
suas  anns  an  aite  ud  no  anns  an  aite  ud 
eile. 

Bha  an  obair  so  uile  air  a  deanamh  leis 
gun  aon  sgillinn  thuarasdail,  air  ghaol  a 
dhuthcha  agus  air  ghaol  na  h-eaglais  ;  air 
a  chosdas  fhein  shiubhladh  e  na  h-Eileanan 
an  lar  a  lorgachadh  bhalach  aig  an  robh 
sgoil  agus  gr^s,  a  thairgsinn  cuideachaidh 
dhaibh  na  'n  suidhicheadh  iad  an  inntinn 
air  obair  na  ministrealachd.  Tha  iomadh 
ministear  ann  an  ciibaidean  Gaidhealach 
an  diugh  a  bha  air  "an  cur  annta  la  Ruairidh 
Mac  Le6id. 

A  thuilleadh  air  sin,  roimh  bhliadhnachan 
a'  chogaidh  bhiodh  e  a'  cruinneachadh  nam 
missionaraidhean  gu  sgoil- shamhraidh  ann 
an  Tairbeart  na  Hearadh,  no  anns  a'  Chaol, 
gus  eolas  a  thoirt  dhaibh  air  a  cheile  agus  air 
diadhairean  na  h-eaglais  a  rachadh  a  bhruidh- 
inn  riu  agus  a  dh'  fhosgladh  nan  sgriobturah 
dhaibh. 

Bithidh  sinn  ag  ionndrainn  ar  caraid  gu 
mor  ann  an  Comunn  Gaidhealach  na  h- 
eaglais.  Bha  e  daonnan  aoibheil  agus 
furasda  gnothuch  a  dheanamh  ris  ;  duine 
coir,  fialaidh,  de  theaghlach  Bharnabais. 

An  t-Urramach  DdmhnuU  C  Caskie,  M.A. 

Chan  ann  mar  dhuais  d'  a  sgoUearachd 
a  tha  Oilthigh  Dhim-eideann  a'  dol  a  thoirt 
D.D.  do  Dh6mhnull  Caskie  ach  mar  dhuais 
d'  a  dhuinealas  ann  am  bliadhnachan  a' 
chogaidh,  oir  dh'  fhaodadh  na  ceart  bhriath- 
ran  a  bhi  air  a  tkdh.  uime  a  thuirt  Eliphas 


AIG  AN  UINNEIG 


an  Temanach  ri  lob,  "  Chum  do  bhriathran 
daoine  air  an  casan,  agus  chuir  thu  misneach 
agus  sprachd  annta-san  a  bha  an  gliiinean  lag'' 
(Moffatt). 

Is  mor  agus  is  maith  an  rud  e  gu 
'n  cumadh  aon  duine  daoine  eUe  air 
an  casan  le  thapachd  agus  le  bhriathran 
ann  an  1^  na  h-eigin,  ach  is  e  sin  an  t-seirhbis 
"a  rinn  Domhnull  Caskie  d'  a  luchd-duthcha 
anns  an  Fhraing  an  uair  a  thainig  an  t-arm 
Gearmailteach  a  steach  innte  mar  thuil  ann 
an  1940,  agus  gun  chomas  aca  tighinn 
dhachaidh. 

Cha  ruig  mi  leas  feuchainn  ru  Turns 
Dhomhnuill  Caskie  innseadh  air  an  duUleig 
so,  o  Pharis  gu  Bordeaux,  o  Bhordeaux  gu 
Marseilles,  o  phriosan  gu  priosan  ;  an  diugh 
ann  an  lamhan  na  Gestapo  agus  am  m^ireach 
ann  an  lamhan  bradach  Eadailteach  a  thug 
bhu9.ith  na  bha  aige  de  bhiadh  agus  de 
airgiod, — theagamh  gu  'n  cuala  ar  luchd- 
leughaidh  sin  cheana,  oir  dh'  innis  e  fhein 
e  air  an  Radio.  Cha  bu  lugha  na  Homer 
a  b'  urrainn  Turns  a'  Chriosduidh  so  innseadh 


mar  bu  choir,  ach  a  dh'  aindeoin  gach 
teanntachd  anns  an  robh  e  cha  do  chaill 
e  a  shunnd  no  a  mhisneach,  agus  cha  mho 
a  mheas  e  gu  'm  b'  fhiach  dha  dad  eUe  a 
dheanamh  ach  a  mhaia  iimhlachd  a  thoirt 
do  'n  fhacal  so  a  bha  mar  theine  'n  a 
chnamhan,  Thugaibh  comhfhurtachd,  thugaibh 
comhfhurtachd,  do  mo  shluagh-sa  deir  'ur 
Dia. 

Bho  1935  bha  DomhnuU  Caskie  'n  a 
mhinistear  anns  an  eaglais  Albannach  am 
Paris,  agus  bha  an  aon  sgeul  aig  Breatunnaich 
uime  an  uair  a  thigeadh  iad  dhachaidh  a 
Paris,  gu  robh  e  'n  a  aodhair  dileas  agus  'n 
a  charaid  maith  do  Bhreatunnaich  anns  an 
Fhraing  ;  daonnan  toileach  agus  deas  dragh 
agus  obair  a  chur  air  fhein,  a  chum/iil  dhaoine 
eile  air  an  casan. 

Tha  sinn  uile  toiHchte  gu  bheil  an  t-urram 
so  'g  a  thoirt  do  mhinistear  Gaidhealach. 
Gu  ma  fada  a  bhios  Biobiill  GaidhJig  aige 
am  beul  a'  phoca  a  bhios  e  a'  giulan  air  a 
thurusan .  Chan  abair  mi  dad  mu  'n  f  heileadh 
bheag. 


Mu  chomfhurtachd 


An  uair  a  bha  an  t-OUamh  Iain  Watson, 
a  b'  fhearr  a  b'  aithne  dhuinn  fo  'n 
ainm  Iain  Mac  Labhrainn,  a'  dealachadh 
ris  a'  choimhthional  mhor  a  bha  aige  ann  an 
Liverpool,  thubhairt  e  gu  robh  da  rud  'n 
a  .shearmonachadh  fhein  a  bu  mhaith  leis 
a  dheanamh  na  'n  robh  e  a'  toiseachadh  as 
hv, 

(1)  Dheanadh  e  a  shearraoin  na  bu  ghiorra, 

agus 

(2)  Bhetreadh  e  barrachd  comhfhurtachd 

do  dhaoine  'n  a  theagasg. 

Sia  da  chomhairle  ghlic,  gu  sonruichte 
an  dara  te,  oir  anns  a'  choimhthional  as 
lugha  faodaidh  tu  a  bhi  cinnteach  gu  bheil 
cuid-eigin  ann  air  a  bheil  eagal  no  curam, 
no  a'  gitilan  uallach  diomhair,  agus  a  tha 
feumach  air  facal  a  chluinntinn  a  thogadh 
an  cridhe,  no  a  leighseadh  an  leon.     Chan 


fhaigheadh  na  daoine  sin  ach  clach  an  aite 
arain  mur  biodh  ni-eigin  anns  an  t-searmon, 
no  anns  an  urnuigh,  no  anns  na  sailm  agus 
na  laoidhean,  no  anns  an  earrann  de  'n 
Bhiobull  a  bha  air  a  leughadh,  a  bheireadh 
dhaibh   comhfhurtachd. 

Ach  ged  tha  e  ceart  gu  'n  labhradh  teach- 
dairean  an  t-soisgeil  gu  comhfhurtachail  ri 
sluagh  Dhe  bhiodh  e  na  b'  fhearr  air  fad 
na  'n  ionnsaicheadh  sluagh  Dhe  comhfhur- 
tachd a  tharruing  a  Facal  an  Tighearna 
dhaibh  fein,  oir  is  e  Facal  Dhe  tobar  nan 
uile  chomhfhurtachdan.  Am  fiosrachadh 
mo  bheatha  fhein  thug  mi  an  aire  gur  e  na 
daoine  aig  nach  'eil  Facal  an  Tighearna  air 
am  meomhair  daoine  as  duiliche  comhfhvu"- 
tachd  a  thoirt  dhaibh  an  am  trioblaid  no 
teinn.  Mur  bheil  litir  an  Sgriobtuir  'n  an 
inntinn  cheana  ciamar  a  bheir  an  Spiorad 
Naomh  gu  'n  cuimhne  e  ? 


An  Laoidheadair 


Soillsich  mo  chridhe  le  d'mhaitheas, 
Sgeudaich  mi  le  brat  na  firinn; 
Dion  le  d'Spiorad  mi  o  bhuaireadh, 
S  tu  mo  charraig  bhuan  gu  dilinn. 


'S  tu  mo  shoillse  ri  am  cadail, 
'S  anns  a'  chadal  's  tu  mo  dhidean ; 
'S  tu  mo  thoil-inntinn  air  madainn, 
A  righ  nam  feart  glac  ad  lion  mi. 


'N  a  t'fheirg  a  righ  na  treig  mise, 

'S  dean  [le  d'Spiorad  naomh  mo  lionadh ; 

Mo  shuilean  thogail  ri  t'ordugh, 

'S  rj  d'stor  nach  teirig  gu  siorruidh. 


Aireamh  7 


1945 


Turus  gu  Astralia 

Leis  an  Ollarnh  Eoghan  0.  MacFhraing 


SHEOL  sinn  a  Lunnainn  air  feasgar  cho 
aillidh  's  a  chunnaic  thu  riamh  ann  am  bata- 
smuid  cho  ciatach  's  a  shuidh  air  uchd  a' 
chuain.  An  ath  latha  bha  sinn  anns  a' 
chuan  air  taobh  deas  Shasuinn,  agus  aftr 
an  la  'n  a  dheidh  sin  bha  sinn  air  ar  kiasgadh 
air  a'  chuid  sin  de  'n  fhairge  ris  an  canar 
"  Bagh  Bhiscay,"  a  tha  ainmeil  am  measg 
luchd-siubhail  na  mara  air  son  stoirrnean 
mora  agus  tonnan  oillteil. 

Fhuair  sinn  ar  cuid  de  dhubh-fhearg  na 
mara,  ach  cha  do  lean  so  fada,  agus  ann  an 
uine  ghoirid  bha  sinn  a'  seoladh  gu  socrach 
reidh  a  mach  bho  chladach  na  Spainte. 
Chaidh  sinn  seachad  air  stiican  ard  creagach 
a  tha  ag  eirigh  as  a'  chuan  a  mach  bho 
shealladh  na  tire  ris  an  canar  na  "  Bur  lings," 
agus  an  da  la  eile  rainig  sinn  ar  ceud  port- 
tadhail  ann  an  ceann  a  tuath  Africa  d'  an 
ainm  Tangier. 

Bha  an  t-sid  a'  fas  blath,  agus  bha  sinn 
a  nis  ann  an  diithaich  ris  am  faodamaid  a 
radh  gur  e  diithaich  chein  a  bha  ann. 

Tha  luchd-aiteachaidh  na  tire  'n  an  daoine 
dubh.  Thainig  iad  a  mach  'n  am  -bataichean 
beaga  gus  a'  chamuis  anns  an  do  luidh 
sinn  air  acair.  Tha  goireasan  de  gach 
seorsa  anns  a'  bhaile-phuirt,  agus  cha  b' 
'fhada  gus  an  robh  sinn  air  ar  n-aiseag  gu 
tir.  Fhuair  sinn  duine  a  bhuineadh  do 
'n  aite  gu  bhi  'g  ar  treorachadh,  agus  thog 
sinn  oirnn  a  dh'  fhaotainn  eolas  air  a'  bhaile. 
Bha  iomad  ni  ri  fhaicinn.  Chan  ionnan 
coslas  nan  tighean  anns  am  bheil  an  sluagh 
a'  tuinneachadh. 

B'  iad  na  h-Eadailtich  a  bha  'n  an  luchd- 
riaghlaidh  aig  an  am,  agus  tha  ballachan 
ri  fhaicinn  de  thogailean  snasmhor  a  chaidh 
a  thogail  's  an  linn  sin  anns  an  robh  cuirmean 
rioghail  air  an  gleidheil.  Tha  iad  an  diugh 
falamh  gun  airneis. 

Tha  sluagh  na  duthcha  a'  leantuinn 
creideamh   Mohammed. 

Ri  linn  a  chaidh  seachad  bha  an  t-aite 
so  cho  dltith  do  Shasunn  agus  an  t-side 
cho  carthannach  bl^th  's  gu  'm  biodh  moran 
de   mhaithean   Bhreatuinn   a'    cur   seachad 


miosan  a'  gheamhraidh  anns  a'  bhlaths 
ann  an  tighean  a  chaidh  a  thogail  air  an 
sop. 

Ann  an  so  chunnaic  mi  sealladh  nach 
fhaca  mi  ann  an  aite  eile — duine  le  trend 
ghobhar  a'  dol  bho  shraid  gu  sr^id,  agus  e 
a'  bleoghan  nan  gobhar  mar  a  dh'  iarrar 
air  agus  e  a'  dol  leo  bho  dhorus  gu  dorus. 

Rainig  sinn  Tangier  's  ai'  mhaduinn  agus 
luidh  sinn  an  sin  gu  deidh  mheadhon-la. 
An  sin  sheol  sinn  agus  ann  am  beagan  uairean 
rainig  sinn  Gibraltar,  agus  bha  sinn  a 
rithist  air  fearann  Bhreatuinn.  'S  iongan- 
tach  mar  a  bheothaicheas  cridhe  an  duine 
r'a  dhuthaich  fhein.  Tha  an  daighneachd 
laidir  so  fo  riaghladh  an  airm,  agus  mar  bu 
dual  bha  gach  ni  rianail  ordail.  Fhuair  sinn 
carbad-olaidh  agus  rinn  sinn  cuairt  gu  bhi 
faicinn  na  bha  ri  fhaicinn,  ach  an  ni  a 
thaitinn  rium  os  cionn  gach  ni  eile  b'  e  an 
sealladh  a  fhuair  mi  air  aite-adhlacaidh 
nan  seoid  a  thuit  ann  an  cath-cabhlaich 
ainmeil  Trafalgar.  Bha  fltiraichean  boidh- 
each  a'  f4s  air  na  h-uaighean  agus  bha  curam 
ciatach  air  a  ghabhail  do  'n  ^ite  anns  am 
bheil  an  uir  a'  luidhe.  'S  an  fheasgar  chaidh 
sinn  troimh  chaolas  Gibraltar  gus  a'  Mhuir 
Mheadhonach  agus  sheol  sinn  tuath  gus  an 
do  rainig  sinn  Marseilles.  Bithidh  e  'n  a 
chuis-iongantais  do  na  bodaich  a  chaidh 
arach  am  measg  eileanan  an  iar  na  G4idh- 
ealtachd  nach  'eil  sruth-mara  as  fhiach  a 
bhi  bruidhinn  air  anns  a'  mhuir  so,  agus 
a  chidnn  gu  'm  bheil  a'  chuis  mar  so  chan 
'eil  moran  dragh  ann  a  bhi  our  ri  cheile 
laimhrigean  air  son  bataichean  mora  anns 
na  puirt  air  a'  chladach. 

Luidh  sinn  ri  taobh  aon  de  na  laimhrigean 
mora  tri  laithean,  a'  feitheamh  teachd  a' 
charbad-iaruinn  anns  an  robh  luchd  litrich- 
ean-posta  a  bha  sinn  gu  bhi  a'  gitilan  gus  na 
h-Innsean  agus  gu  Astralia.  Air  aon  de  na 
laithean  chaidh  grunnan  luchd-turuis  gu 
aite  ainmeil  anns  an  linn  a  dh'  fhalbh  far 
am  bitheadh  daoine  a'  cruinneachadh  bho 
gach  cearn  air  turus  gorach,  a'  feuchainn 
ri  bhi  a'  mealtuinn  storais  ann  am  prioba  na 
sula.  B'  e  ainm  an  aite  so,  Monte  Carlo. 
Tha  rioghachd  bheag  an  so,  agus  tha  an 
luchd-riaghlaidh      a'      deanamh      laghanan 


TURUS  GU  ASTRALIA 


dhaibh  fein,  agus  tha  iad  a'  ceadachadh 
cleachdanan  nach  'eil  air  an  ceadachadh  le 
rioghachd  eile.  Tha  talla  mor  riomhach 
air  a  shuidheachadh  fosgailte  do  neach  sam 
bith  aig  am  bheil  c^il  a  dhol  ann.  Anns  na 
seomraichean  tha  biiird  agus  air  gach  bord 
tha  cuibheal.  Tha  thu  a'  paidheadh  air 
son  a  bhi  faotainn  cead  a  bhi  toirt  "  hor- 
oosh  "  air  a'  chuibhill,  agus  's  ann  a  reir 
mar  stadas  e  a  bhios  do  dhuais.  Mar  is 
trice  tha  an  t-amadan  bochd  a'  call  a  h-uile 
sgillinn  a  tha  e  a'  cur  a  mach  air  a'  bhord. 

Bha  e  air  innseadh  gu  'm  bheil  an  rioghachd 
beag  so  a'  faotainn  a  leithid  de  bhuannachd 
bho  obair  na  goraiche  's  gu  'm  bheil  an 
tighinn-a-stigh  a'  paigheadh  cosd  riaghlaidh 
na  rioghachd  gun  feum  air  a  bhi  cur  sgillinn 
ruadh  de  chis  air  luchd-aiteachaidh  na 
rioghachd. 

Air  a'  cheathramh  latha  an  deidh  dhuinn 
Marseilles  fhagail  agus  a'  sior  ^dhol  an  ear 
rainig  sinn  Port -Said  far  am  bheil  a'  chlais- 
uisge  a'  toiseachadh  a  chladhaich  na  h- 
Eiphitich  gu  bhi  ag  aonadh  niisge  na  mara 
Meadhonaich  agus  uisge  na  mara  Ruaidhe. 
Tha  a'  chlais  so  ceithir  fichead  mile  ann  am 
fad,  agus  tha  i  cho  domhain  is  gu  'n  seol 
an  soitheach  as  mo  a  tha  a'  seoladh  air  cuan 
oirre.  Ghabh  sinn  la  is  oidhche  a'  dol  gu 
ceann  eile  na  claise  air  am  bheil  luchd-turuis 
air  feadh  an  t-saoghail  eolach  fo  'n  ainm 
an  "  Suez  Canal." 

Bha  sinn  a  nis  ann  an  dtithaich  air  an 
robh  sinn  ann  an  tomhas  eolach  bho  each- 
draidh  a'  Bhiobuill.  Ri  linn  Mhaois  b'  e 
an  Eiphit  aon  de  phriomh  rioghachdan  an 
domhain.  'S  ann  anns  an  diithaich  so  a  bha 
clann  Israeli  ann  am  braighdeanas  cruaidh, 
agus  as  an  do  theich  iad  gu  Tir  a'  Gheallaidh. 
Chunnaic  sinn  na  beanntan  mora  air  taobh 
thall  na  fairge  Ruaidhe  far  an  do  chuir  iad 
seachad  d^  fhichead  bliadhna  dheuchain- 
neach  mu  'n  robh  e  'n  an  comas  dol  a  steach 
do  'n  oighreachd  a  runaich  Fear-Riaghlaidh 
an  domhain  dhaibh.  'S  ann  air  aon  de  na 
beanntan  sin  a  fhuair  Maois  na  deich  aithean- 
tan,  agus  ann  an  glaic  aon  diubh  tha  a  chorp 
air  crionadh  's  an  uir. 

Tha  abhainn  mhor  na  h-Eiphit  a'  ruith 
gu  s^mhach  mar  a  ruith  i  an  uair  a  bha  an 
leanabh  Maois  air  fholach  le  mh^thair  am 
naeasg  na  cuilce  a  bha  fas  ri  taobh  na  h- 
aibhne.  Tha  tuiltean  ag  eirigh  anns  an 
abhainn  mar  a  rinn  iad  fad  mhiltean  de 
bhliadhnachan,  a'  cur  thairis  air  na  bruachan 
nuair  a  leaghas  sneachd  ann  am  monaidhean 
arda  ann  am  meadhon  Africa,  ach  an  diugh 
tha  iad  air  an  riaghladh  gu  ordail  air  dhoigh 


anns  am  bheil  iad  air  an  stitiradh  gu  h- 
innleachdach  gu  claisean  a  tha  air  an  clad- 
hach  ann  am  fearann  torrach  ri  taobh  na 
h-aibhne  bho  'm  bheil  trom-bharr  de  gach 
seorsa  air  a  thional. 

Chan  ionnan  side  na  h-Eiphit  agus  side 
dhiithchannan  eile.  Is  gann  gu  'n  tuit  fras 
uisge  as  an  speur  bho  aon  cheann  de  'n 
bhliadhna  gu  ceann  eUe  agus  tha  luchd- 
foghluim  a'  faotainn  paipearan  air  an 
tasgadh  anns  a'  ghainneamh  thioram  a 
chaidh  a  sgriobhadh  o  chionn  miltean  de 
bhliadhnachan/,  agus  a  luidh  's  an  iiir  fad 
na  h-iiine  sin  gun  milleadh  sam  bith  a 
thighinn  orra. 

Bha  sinn  a  sior  dhol  an  ear  agus  an  deidh 
dhuinn  an  Eiphit  fhagail  dh'  aom  sinn  gu 
deas  agus  gu  teas.  Tha  an  fhairge  Ruadh 
ainmeil  air  son  an  teas  a  gheibhear  ann. 
Tha  e  air  aithris  gu  'm  bheil  sgeul  air  bata- 
smuid,  mar  bha  i  a'  seoladh  agus  a'  ghaoth 
as  a  deidh  gu  'n  robh  a  cuideachd  air  an  toirt 
thairis  le  muchadh  na  teise  air  dhoigh  agus 
gu  'm  b'  fheudar  do  'n  bhata  a  bhi  air  a 
tionndadh  mu  'n  cuairt  ri  aghaidh  na 
gaoithe  feuch  am  faigheadh  an  sgioba 
faochadh  d'  an  anail. 

Ghabh  e  tri  l^ithean  gu  bhi  a'  seoladh 
bho  aon  cheann  na  fairge  so  gus  an  ceann 
eile.  Air  a'  chuid  as  mo  de  'n  astar  tha  thu 
a'  faicinn  fearann  no  eileanan  air  gach  taobh 
— lom,  cruaidh,  tioram — agus  tha  e  a'  cur 
ionghnaidh  ort  ciamar  a  tha  daoine  bed 
anns  na  criochan  so,  agus  gu  dearbh  chan 
'eil  moran  sluagh  annta. 

'S  e  an  ath  phort  air  an  do  thadhail  sinn 
Aden,  agus  ma  tha  e  tioram  's  an  Eiphit  tha 
e  na  's  miosa  an  so.  Chan  fhaca.  duine 
riamh  aite  as  fasaile.  Tha  fasgadh  math 
's  a  phort,  agus  is  e  sin  as  aobhar  gu  'm 
bheil  e  air  aiteachadh.  Tha  e  deasail  air 
son  nan  rathaidean  a  tha  a'  treorachadh  gu 
^iteani  iomallach  na  tire,  agus  tha  e  'n  a 
chala  do  na  geolaichean-seolaidh  a  tha 
ag  obair  aiins  na  h-uisgeachan  sin.  Bha 
luchd-riaghlaidh  an  so  aig  aon  am  a  thug 
air  luchd-ceaird  tuill  a  shnaidheadh  ann  an 
creagan  freagarrach  anns  an  tasgadh  iad 
uisge,  agus  tha  na  h-aitean  dionach  sin  anns 
an  robh  puill  uisge  air  an  tasgadh  ri  f  haicinn 
gus  an  la  diugh.  Chan  'eil  feum  air  obair 
traUleil  mar  sin  an  diugh.  Tha  bataichean- 
smtiid  a  tha  air  an  uidheamachadh  air  son 
na  h-obair  a'  toirt  pailteas  uisge  fior-ghlan 
bho  aitean  anns  am  bheil  cus. 

Rainig  sinn  Bombay  air  an  fhicheadamh 
latha  an  deidh  Lunnainn  fhagail.     'S  ann 


TUBUS  GU  ASTRALIA 


an  so  a  bha  sinn  gu  bhi  tuigsinn  an  seorsa 
duthcha  -a  tha  anns  na  h-Innsean.  Tha 
na  daoine  anns  an  duthaich  so  dealaichte 
bho  na  daoine  anns  na  duthchannan  eile  air 
an  do  chuir  sinn  eolas  gu  ruige  so.  Tha 
iad  'n  an  sluagh  smioral,  tapaidh  aig  am 
bheil  eachdraidh  a  tha  dol  air  ais  gus  na 
Hnntean  a  dh'  fhalbh  na  's  fhaide  na  tha 
eachdraidh  ar  duthcha  fhein.  Tha  iomadh 
gne  shochd  'n  am  measg  agus  ged  is  e  aon 
uachdaranachd  a  tha  thairis  orra  tha 
rioghachdan  'n  am  measg  air  an  riaghladh 
le  righrean  duthchasach  fo  Chrun  Bhrea- 
tuinn,  gach  righ  a'  riaghladh  a  rioghachd  a 
reir  nan  laghannan  agus  nan  cleachdannan 
a  fhuair  e  bho  na  ginealaich  a  dh'  fhalbh. 

Tha  togailean  maiseach  's  an  duthaich 
nach  'eil  ri  bhi  air  am  faotainn  ann  an 
duthaich  eile  de  'n  t-saoghal. 

Tha  beartas  aig  cuid  de  na  righrean  na 
's  mo  na  tha  aig  daoine  eile  's  an  t-saoghal. 

Tha  luchd-ceaird  'n  am  measg  a  tha  cho 
innleachdach  's  nach  'eil  barr  orra. 

Tha  iomadh  creideamh  'n  am  measg  agus 
tha  iad  nan  daoine  cho  crabhach  'n  an  doigh 
fhein  's  a  tha  ri  fhaotainn  's  an  t-saoghal. 

Tha  cuid  de  na  creideamhan  a'  dol  air 
an  ais  miltean  de  bhliadhnachan.  Fada 
mu  'n  d'  thainig  an  Creideamh  Criosduidh 
bha  leabhraichean  naomh  'n  am  measg, 
agus  bha  iad  air  an  sgriobhadh  ann  an 
canain  ris  an  canar  "  Sanskrit  "  air  riach 
'eil  ach  gle  bheag  eolais  air  an  la  diugh.  Tha 
a'  mhuinntir  a  tha  leantuinn  a'  chreidimh 
a  tha  air  a  steidheachadh  air  a'  bhonn  so 
'g  an  cunntas  fein  na  's  fhearr  na  muinntir 
eile,  agus  tha  iad  a'  cur  comharradh  air 
clar  an  aodainn  gu  bhi  ag  innseadh  so.  Cha 
chum  iad  comunn  ach  gle  bheag  le  muinntir 
nach  buin  d'  an  cuideachd  fhein,  agus 
diiiltaidh  iad  a  bhi  ag  itheadh  le  muinntir 
nach  'eil  de  'n  aon  chreidimh.  Tha  iad  ag 
aoradh  moran  dhiathan  mar  a  tha  iad  air 
an  teagasg  'n  an  leabhraichean  naomh,  agus 
tha  aitean  a  tha  air  an  cunntas  ro-naomh 
agus  tha  iad  am  beachd  gu  'm  bheil  mor 
eifeachd  ann  a  bhi  a'  gabhail  turuis  do  aon 
de  na  h-aitean  sin,  agus  gu  sonruichte  a  bhi 
'g  an  nigheadh  fein  anns  an  abhainn  a  tha 
air  a  cunntas  ro  naomh  ris  an  canar  an 
"  Ganges." 

Tha  aireamh  mhor  a'  deananah  aidmheil 
de  'n  t-seorsa  so,  agus  a  tha  'n  am  "  Brah- 
mins "  (oir  is  e  sin  an  t-ainm  a  tha  orra) 
'n  an  daoine  comasach  agus  foghluimte 
agus  tha  cuid  diubh  aig  a  bheil  aite  agus 
seasamh  an  riaghladh  na  duthcha. 


Ann  an  linn  eile  de  eachdraidh  nan 
Innsean  dh'  eirich  teachdaire  mor  air  am 
bheil  an  t-ainm  Buddha  agus  lean  moran 
dheisciobul  e,  agus  chraobh-sgaoileadh  a 
theagasg  gu  diithaichean  eile  's  an  aird  an 
ear  air  chor  agus  gu  'm  bheil  aireamh  a 
luchd-leanmhuinn  am  measg  nan  creideamhan 
as  lionmhoire  's  an  t-saoghal.  Bha  farsuin- 
geachd  ann  an  teagasg  Bhudda  nach  robh 
ann  an  teagasg  leabhraichean  naomh  "  Sans- 
krit "  mar  a  bha  farsuingeachd  anns  an 
teagasg  Phrostanach  aig  km  an  ath-leasach- 
aidh  agus  lean  moran  sluaigh  e. 

'S  e  brigh  a  theagaisg-san  a  bhi  ag  iarraidh 
air  daoine  a  bhi  a  stoladh  gach  iarrtus  a 
thig  an  inntinn  an  duine,  agus  an  duine  as 
mo  a  ni  so,  sin  an  duine  sona  agus  an  duine 
as  fhearr  a  tha  a'  coimhlionadh  crioch 
araidh  an  duine. 

Bha  e  mar  an  ceudna  a'  teagasg  gu  'm  bheil 
spiorad  an  duine  a'  dol  bho  aon  duine  gu  duine 
eile  a  reir  an  doigh  anns  am  bheil  aon  spiorad 
a'  cordadh  le  spiorad  eile  gus  am  bi  an 
cordadh  iomlan,  agus  an  uair  a  thachras  so 
thig  crioch  air  gluasad-spioraid  an  duine 
agus  teichidh  e  as  an  t-sealladh  mar  a 
theicheas  ceo  na  maidne  aig  eirigh  na 
greine. 

'S  es  creideamh  Mohammed  an  treas 
creideamji  as  laidire  anns  na  h-Innsean. 
Thainig  an  creideamh  so  le  cogadh.  Bhris 
sluagh  borb  a  steach  air  sluagh  nan  Innsean, 
is  fhuair  iad  buaidh  thairis  orra  agus  cho- 
eignich  iad  moran  de  'n  t-sluagh  gu  bhi  a' 
gabhail  ri  'n  creideamh  agus  tha  cearnan 
mora  de  'n  duthaich  air  an  aiteachadh  leis 
a'  chuideachd  so.  Ach  a  bharrachd  air  na 
creideamhan  sin  tha  grunnan  de  chreidimhean 
eile  ann.  Is  e  creideamh  nam  Parsis  aon 
dhiubh  sin.  Tha  doigh  sonruichte  aca  ann 
a  bhi  c^radh  cuirp  nam  marbh.  Chan  'eil 
iad  'g  an  losgadh  no  'g  an  tasgadh  fo  'n  uir. 
Tha  togail  mhor  chruinn  ann  am  Bombay 
le  ballachan  ard  agus  dorus  air  a  thaobh, 
agus  a  mhuUach  fosgailte  ris  na  neamhan. 
Anns  an  taobh  a  steach  de  na  ballachan  tha 
branndair-iaruinn  agus  tha  cuirp  nam  marbh, 
lom  ruisgte,  air  an  cur  troimh  an  dorus  air  a' 
bhranndair,  agus  ann  am  prioba  na  sula  tha 
feannagan  ag  itealaich  bho  na  speuran  agus 
a'  dol  an  s^s  anns  na  cuirp  gus  am  bi  h-uile 
dad  de  'n  fheoil  air  a  sguabadh  bho  na 
cnamhan.  Tha  na  cnamhan  an  sin  a' 
tuiteam  troimh  'n  bhranndair,  agus  is  e  so 
deireadh  an  adhlacaidh ;  a  reir  creidimh 
nam  Parsis  chan  'eil  e  iomchuidh  a  bhi  a' 
cur  chorp  nam  marbh  anns  an  talamh. 


4 


TURUS  GU  ASTRALIA 


Agus  faodaidh  mi  cuideachd  eile  ainmeach- 
adh.  Tha  sluagh  ann  ris  an  canar  na 
"  Untouchables."  Tha  iad  so  air  an  cunntas 
cho  suarach  (ged  tha  moran  diubh  fiachail 
gu  leor),  agus  gu  'm  bheil  e  air  amharc  air 
mar  ni  mi-naomh  a  bhi  cur  do  chorraig 
orra. 

Mar  so  tha  sluagh  na  diithcha  air  an 
roinn  'n  am  bloighdean.  Am  bheil  iongh- 
uadh  ged  nach  'eil  e  furasda  an  riaghladh  ? 

Dh'  fhag  sinn  Bombay  ann  am  meadhon 
stoirm,  gaoth  agus  uisge  ris  an  canar  am 
"  Monsoon."  Tha  an  stoirm  so  'n  a  stoirm 
freasdalach  a  tha  ag  uisgeachadh  an  t-sil 
a  tha  air  ilr  chur.  As  eugmhais  cha  bhiodh 
an  siol  a'  freumhachadh  agus  bhiodh  ocras 
agus  cruaidh-chas  air  feadh  na  tire.  Mar 
sin  tha  Ni-Math  ag  ordachadh  a  Fhreasdail, 
agus  na  'm  biodh  siiilean  againn  gu  bhi  'g 
a  fhaicinn  chitheamaid  obair-graidh  ann  an 
iomad  ni  a  tha  a  reir  coltais  cruaidh  agus 
neo-thaitneach. 

Rainig  sinn  Colombo  ann  an  eilean  Ceylon 
ann  an  tri  laithean,  agus  an  so  bha  mi  gu 
bhi  a'  dearbhadh  firinn  an  t-sean-fhacail 
"  Tachraidh  na  dao:"ne  mar  nach  tachair  na 
cnuic."  Bha  sinn  anns  an  acarsaid,  ach 
chan  fhaigh  duine  air  tir  gus  anj  bi  an 
leabhar-poca  a  tha  a'  dearbhadh  c6  e  air  a 
sheulachadh  le  seul  fear-riaghlaidh  a' 
phuirt.  Bha  sinn  cruinn  air  son  an  aobhair 
sin  nuair  a  chuala  mi  m'  ainm  air  ainmeach- 
adh  air  mo  chiilaibh.  Thionndaidh  mi  agus 
CO  bha  so  ach  gille  6g  ann  an  deise  uasal, 
a  bha  aig  aon  am  anns  an  sgoil-Shabaid 
agam  ?  Fhuair  e  aite  math  ann  an  Colombo 
agus  chual  e  bho  a  mhuinntir  'anns  an  t- 
seann  dachaidh  gu  'n  robh  mi  a'  dol  seachad 
air  mo  rath  ad  gu  Astralia  agus  thainig  e  air 
bord  gu  bhi  cur  failt  orm.  "  Thugaibh 
dhomhsa  'ur  leabhar-poca,"  ars  esan.  Rinn 
mi  sin  agus  air  falbh  gabhaidh  e  gus  an 
riaghlair  a  bha  'n  a  shuidhe  aig  a'  bhord, 
"  Tha  mise  eolach  air  an  duin-uasal  so  ; 
bithibh  cho  math  is  'ur  seul  a  chur  air  an 
leabhar." 

Rinn  e  so  agus  cha  robh  e  fada  gus  an 
robh  sinn  air  tu*. 

Tha  luchd-aiteachaidh  an  eilean  ann  an 
tomhas  dealaichte  bho  shluagh  tir-mor  nan 
Innsean.  Tha  iad  'n  an  daoine  a  tha  dich- 
iollach,  greimeil,  agus  furasda  a  bhi  tighinn 
beo  leo.  Chan  'eil  am  beartas  no  an  uaisle 
a  tha  ri  bhi  air  fhaotainn  ann  a  tha  air  tir- 
mor.  Tha  a'  chuid  mhor  dhiubh  'n  an  luchd- 
leanmhuinn  air  Budda,  agus  tha  teampuU 


coisrigte  ris  air  a  chunntas  'n  a  aite  ro-naomh 
ann  an  aite  grinn  de  'n  eilean  ris  an  canar 
"  Kandy."  Tha  e  air  aithris  gu  'm  bheil 
fiacal  Bhudda  anns  an  teampull,  agus  is 
e  so  a  tha  'g  a  dheanamh  cho  naomh. 

Tha  seallaidhean  briagh  ri  fhaicinn  anns 
an  eilean.  Tha  uillt  agus  cnuic  agus  coilltean 
ann  am  pailteas.  Tha  craobhan  ard  bagail- 
teach  air  am  bheil  cnothan  mor  a'  fas  a  tha 
'n  an  Ion  do  mhuinntur  na  diithcha  mar  a 
tha  am  buntata  'n  a  Ion  anns  an  duthaich 
againn  fhein.  Agus  tha  achaidhean  mora 
air  taobh  nan  cnoc  air  am  bheil  preasan  a' 
fas  bho  'm  bheil  sinn  a'  faotainn  na  duilleig 
a  ni  an  deoch  ionmhuinn  ris  an  canar  an 
"  tea." 

Dh'  fhag  sinn  Colombo  agus  thoisich  sinn 
air  an  sgriob  a  b'  fhaide  d'  ar  turns.  Fad 
naoi  laithean — agus  sinn  a'  cur  fodhainn 
corr  is  tri  cheud  mile  's  an  la — bha  sinn  a' 
seoladh  do  'n  ear-dheas  gun  fearann  fhaicinn. 
Air  an  deicheamh  la  rainig  sinn  cladach 
Astralia,  ach  bhitheadh  tu  a'  deanamh 
mearachd  na  'm  biodh  tu  an  diiil  gu  'n  do 
rainig  tu  Astralia  nuair  a  rainig  tu  cladach 
Astralia.  Tha  farsuingeachd  ann  an 
Astralia  nach  'eil  ann  an  eilean  eile  's  an  t- 
saoghal.  Dh'  fhaodadh  tu  eilean  Bhreatunn 
a  chur  'n  a  bhroinn,  agus  chan  aithnicheadh 
tu  gu  'n  robh  e  ann.  Tha  bagh  ann  a  tha 
deich  ceud  mile  o  cheann  gu  ceann.  Tha 
e  air  a  roinn  'n  a  she  Roinnean-Riaghlaidh  ; 
gach  roinn  le  Parlarnaid  dha  fein,  a'  dealbh 
laghanan  a  reir  inntinn  na  muinntir  a  tha 
chomhnuidh  anns  an  roinn  sin.  A  bharrachd 
air  sin  tha  Ard-Pharlamaid  air  am  bheil 
curam  nan  goireasan  a  tha  coitcheann  'n 
am  measg  mar  a  tha  an  t-arm  agus  gach 
ni  a  bhuineas  do  dhion  na  diithcha. 

Mar  eisimpleir  air  an  doigh  anns  am  b' 
abhaist  aon  roinn  a  bhi  deanamh  laghanan 
dhaibh  fhein  gun  suim  am  biodh  iad  freag- 
arrach  do  an  coimhearsnach  tha  aon  ni  a 
chaidh  a  dheanamh  anns  an  linn  a  fh'  fhalbh 
a  tha  cur  curam  air  muinntir  an  la  diugh. 
Cha  d'  rinneadh  na  rathadan-iaruinn  anns 
a  h-uile  Roinn  de  'n  aon  leud.  Bha  so  'n 
a  dheuchainn  's  a'  chogadh  far  am  bheil 
moran  innealan-cogaidh  trom  gu  bhi  air  an 
giiilan  ann  an  cabhaig  bho  aon  chearn  gu 
cearn  eile. 

'S  e  Fre mantle  a'  cheud.  phort  gus  an 
d'  thainig  sinn  air  cladach  Astralia.  Is 
e  so  port  mor  air  taobh  an  iar  Astralia  agus 
mu  fhichead  mile  bho  Pheairt,  priomh- 
bhaile  Astralia  an  iar.  Tha  Peairt  agus 
Fremantle  air  an  aon  abhainn  —  Peairt  ri 


TURUS  GU  ASTRALIA 


taobh  lochan  aig  ceann  shuas  na  h-aibhne  ; 
Fre mantle  aig  a  bheulaibh.  Ann  an  meud- 
achd  bheir  an  Roinn  so  barr  air  Roinnibh 
eile  ach  chan  'eil  an  sluagh  ach  gann. 

Tha  moran  de  'n  duthaich  fasail,  agus  is 
anns  a'  chuid  as  fasaile  a  fhuaradh  meall 
mor  oir. 

Tha  bailtean  an  oir — ^Coolgardie  agus 
Kalgoorlie — mu  thri  cheud  mile  bho  Pheairt 
ann  an  diithaich  neo-thorrach,  tioram, 
cruaidh.  Chan  'eil  uisge  ri  bhi  air  fhaotainn 
anns  na  bailtean  sin,  agus  b'  fheudar  dhaibh 
pioban-uisge  a  leigeil  fad  tri  cheud  mile 
gu  bhi  frithealadh  chum  feum  an  luchd- 
aiteachaidh. 

Tha  rathad  iaruinn  a'  dol  a  mach  bho 
Pheairt  air  am  faod  luchd-turuis  a  bhi  a' 
siubhal  gus  an  ruig  iad  Astralia-mu-dheas. 
Ach  cha  b'  ann  mar  sin  a  chaidh  mise. 
Lean  mi  ri  bata-na-smiiid  agus  sheol  sinn 
gu  deas  gus  an  d'  rainig  sinn  oisein  na  tire 
ris  an  canar  Rudha  Lee  win,  agus  an  sin 
thionndaidh  sinn  an  ear  agus  bha  sinn  a  nis 
air  cuan  farsuing  gun  ni  ach  an  cuan  eadar 
sinn  agus  an  talamh  comhdaichte  le  sneachd 
agus  eigh  a  tha  cuartachadh  ceann  mu 
dheas  na  cruinne.  Ann  an  so  's  i  ghaoth 
tuath  a  tha  blath  agus  a'  ghaoth  deas  fuar, 
agus  a  bharrachd  air  sin  an  aite  do  'n  ghrein 
a  bhi  's  an  airde  deas  aig  meadhon-la  tha 
i  's  an  airde  tuath,  agus  tha  an  geamhradh 
an  so  nuair  a  tha  an  samhradh  againne. 
Agus  an  so  faodaidh  mi  aithris  gu  ,'m.  bheil 
iomad  ni  anns  an  duthaich  so  bun-os-cionn 
seach  mar  a  tha  sinn  a'  cleachduinn.  Tha 
moran  de  na  craobhan  an  aite  bhi  call  an 
duilleagan  tha  iad  a'  call  an  rijsg,  agus  tha 
ainmhidhean  r'  am  faotainn  an  so  nach  'eil 
air  am  faotainn  ann  an  duthaich  eile  fo  'n 
ghrein. 

Ann  an  tri  laithean  eile  bha  sinn  aig  an  ath 
phort.  Is  e  Adelaide  is  ainm  air  priomh- 
bhaile  Astralia-dheas,  ach  cosmhuil  ri 
Peairt  tha  Adelaide  air  astar  bho  'n  chladach 
agus  's  ann  gu  Port  Adelaide  a  thainig  sinn. 
Rainig  sinn  Adelaide  air  carbad-iaruinn. 
Tha  Adelaide  air  a  shuidheachadh  air 
comhnard  reidh  agus  tha  e  air  a  radh  gu  'n 
robh  cumadh  agus  riaghailteachd  nan  sraid- 
ean  air  an  steidheachadh  leis  a'  cheud 
riaghlaidear  a  bha  's  an  aite.  Bha  e  'n  a 
shaighdear,  cleachdte  ri  nithean  ordail  snas- 
mhor,  agus  dh'  fhag  e  an  sgriobhadh  a 
bheachd  mar  a  bu  choir  do  'n  bhaile  bhi 
air  a  thogail,  agus  lean  an  luchd-riaghlaidh 
a  thainig  'n  a  dheidh  a  chomhairle,  agus  mar 
so  tha  gach  ni  mu  'n  bhaile  rianial  taitneach. 


Dh'  fhag  sinn  Port  Adelaide  air  feasgar 
Di-haoine  agus  air  feasgar  na  Sabaid  rainig 
sinn  Melbourne  far  an  robh  sinn  gu  bhi 
fagail  a'  bhata.  Eadar  an  da  phort  bha 
sinn  air  ar  luasgadh  le  stoirm.  Chaidh  sinn 
air  aghart  gus  an  do  chuartaich  sinn  Rudha 
Otway — an  cearn  as  deiseile  de  thir— mor 
Astralia — agus  an  sin  thionndaidh  sinn  gus 
an  ear-thuath  a  dhol  a  steach  as  a'  chuan 
mhor  gus  a'  chalaidh  fhasgaich  le  Melbourne 
aig  a  cheann.  Ach  m'  am  b'  urrainn  dhuinn 
so  a  dheanamh  b'  fheudar  dhuinn  Fear- 
stiuraidh  a  thogail  gu  bhi  'g  ar  stiuradh 
troimh  'n  chaol  chumhann  aig  beul  a' 
chalaidh  agus  troimh  'n  chaolas  an  deidh 
sin. 

Chunnaic  sinn  a'  gheola  ann  am  meadhon 
na  fairge  anns  an  robh  luchd-stiuraidh  a' 
feitheamh  air  an  obair,  ach  bha  e  cho 
stoirmeil  's  gu  'n  robh  moille  ann  a  bhi 
faotainn   an   Fhir-stiuraidh   air   bord. 

Tha  6b  mor  a'  ruith  a  steach  bho  'n  chuan 
's  an  fhearann,  agus  aig  ceann-shuas  na 
h-6ibe  tha  Melbourne.  Tha  ant-6b  so  corr 
is  fichead  mile  ann  am  fad  agus  a  leithid 
eile  ann  an  leud,  agus  mu  'n  cuairt  air  a' 
chladach  tha  bailtean  beaga  boidheach  agus 
baile  mor  Geelong.  Tha  beul  an  6b  cumhann 
agus  tha  an  sruth  dian  agus  cunnartach, 
agus  tha  feum  air  e61as  agus  sgil  a  bhi 
faotainn  troimhe.  Chaidh  sinn  troimh  an 
riof  (is  e  sin  an  t-ainm  a  tha  air)  agus  chaidh 
sin  air  aghaidh  gu  Melbourne.  Bha  sinn  a' 
seoladh  a  nis  ann  am  fairge  rianail  fasgach, 
ach  bha  a'  ghaoth  a'  seideadh  gu  cruaidh 
agus  mu  'n  do  rainig  sinn  ceitheachan 
Mhelbourne  rinn  an  sgiobair  agus  am  Fear- 
stiiiraidh  suas  an  inntinn  gu  'm  biodh  e 
cunnartach  do  bhata  cho  mor  a  bhi  a' 
feuchainn  a  bhi  gabhail  Ceithe  air  oidhche 
cho  stoirmeil,  agus  thug  iad  ordugh  gu  'm 
biodh  an  t-acair  air  a  chur  a  mach,  agus 
luidh  sinn  's  an  t-sruth  fad  na  h-oidhche. 
'S  a'  mhaduinn  bha  a'  ghaoth  air  st61adh 
agus  fhuair  sinn  a  steach  gu  sabhailt. 

Bha  domhlachd  sluaigh  a'  feitheamh  air 
son  cairdean  a  bha  air  bord  agus  bha  ar 
cairdean-ne  'n  am  measg.  Bha  mo  nighean 
leam  agus  fhuair  sinn  failte  chridheil  bhuapa. 
Thainig  cuid  dhiubh  ceud  mile  gu  bhi  'g 
ar  comhlachadh  agus  gu  bhi  toirt  cuiridh 
dhuinn  do  an  dachaidhean.  Bha  sinn  air 
ar  toirt  gu  tigh  caraid  a  bha  ch6mhnuidh 
ann  an  roinn  de  'n  bhaile,  agus  an  so  ann  am 
meadhon  coibhneis  agus  aoidheachd  do- 
labhairt  chuir  sinn  seachad  a'  cheud  chuid 
de  na  se  miosan  a  bha  sinn  ann  an  Astralia. 


Anns  a'  Chtibaid 

Earailean  do  dhaoine  bg  aig  an  ceud  chomanachadh. 


THA  na  foirbliich  anns  an  t-seisean  agus 
uile  shluagh  an  Tigheam  anns  a'  choimh- 
thionar  so  toiliehte  gu  bheil  sibh  a'  cur 
roimhibh  ainm  Chriosd  aideachadh  mar  'ur 
Slanuighear  aig  a  bhord  naomh  fein,  agus 
ag  urnuigh  gu  'm  bi  an  ceum  hr  so  a  tha 
sibh  a'  gabhail  'n  'ur  beatha  air  a  bhean- 
nachadh  dhuibh  le  Dia. 

Ma  tha  feum  agaibhse  air  Criosd,  cuimh- 
nichidh  gu  bheil  feum  aig  Criosd  oirbhse. 
Ma  's  esan  an  fhionan,  is  sibhse  na  geugan  ; 
ma  's  esan  an  corp,  is  sibhse  na  buUl,  agus 
mar  sin  cha  leibh  fein  a  nis  'ur  buill  ach  le 
Criosd, — 'ur  casan  gu  bhi  a'  ruith  air  a 
thurusan,  'ur  lamhan  gu  bhi  a'  deanamh 
'oibre,  agus  'ur  stiilean  gu  bhi  a'  faicinn 
uireasbhuidhean  thruaghan  mar  a  chunnaic 
a  shuilean  fein  iad. 

Tha    feum    aig    Criosd    air    'ur   fianuis ; 

ma  chi  'ur  cuideachd  fhein,  agus  'ur  coimh- 

earsnaich,    agus    a'    mhuinntir    eile    d'    an 

aithne    sibh,    gu    bheil    sibh    dileas    agus 

seasmhach  anns   an  aidmheil   a   rinn  sibh, 

agus  gu  bheil  sibh  diadhaidb  agus  criosdail 

'n  'ur  caitheamh-beatha,  sin  an  fhianuis  as 

toigh  le  Criosd  fhaotainn  o  chairdean.     Agus 

air  an  laimh  eile,  mur  bheil  luchd-comanach- 

aidh  a'  nochdadh  'n  an  giulan  ni-eigin  de 

thoradh  na  diadhaidheachd,  no  de  choslas 

Chriosd,  tha  iad  'g  a  chur  gu  naire  fhollais- 

each    as    tir.     Cuimhnichibh,    ma   ta,    nach 

e  a  mhain  gu  bheil  'ur  cliti  fhein,  ach  mar 

an   ceudna  cliii   na   h-eaglais,    agus   cliti  a' 

Chreideamh  Chriosduidh,  agus  cliii  Chriosd 

anns    an    t-saoghal,    an    earbsa    ribh.     Ma 

leanas  sibh  oirbh,  a'  gluasad  ann  an  eagal 

an  Tighearna,  agus  a'  fas  ann  an  gras,  bheir 

an  saoghal  an  aire  dha  sin,  agus  chan  ann 

dhuibhse  a  bheir  an  saoghal  an  cliii  ach  do 

chumhachd     Chriosd     a     tha     chomhnuidh 

annaibh.  _  , 

Comunn  uasal 

Cuimhnichibh   mar   an    ceudna   gu    bheil 

sibh  'n  ar  buill  de  'n  chomunn  as  sine  agus 

as    uaisle    air    thalamh,    eaglais    Chriosd ; 

'n  ur  braithrean  do  na  naoimh  agus  'n  ur 

sagartan  do  Dhia.     Ma  leughas  sibh  each- 

draidh    na    h-eaglais    choitchinn    agus    na 

rinn  i  anns  an  t-saoghal  o  chuir  Criosd  air 

chois  i,  chi  sibh  gu  robh  lamh  aice  anns  gach 

obair    mhaith    a    bha    a'    dol    air    aghaidh 

troimh  na  linntean,  agus  gur  e  an  eaglais 

a   chuir  ceann  anns  a'   chuid  mhor  de  na 

atharrachaidhean  beannaichte  a  mheudaich 

saorsa  agus  solus  agus  ceartas  anns  an  t- 

saoghal.      Chan    'eil   teagamh   nach   robh   i 

air  uairean  dall  agus  saoghalta,  agus  mair- 


nealach  a  thaobh  toil  Dhe  a  thuigsinn, 
ach  air  a  shon  sin  cha  do  leig  i  riamh  le 
coinneal  na  firinn  dol  as  ;  linn  as  deidh 
linn  dh'  araich  i  naoimh  agus  bheathaich  i 
iad  le  h-iirnuighean  agus  leis  an  aran  bheo 
a  tha  air  a  h-altairean.  Cuimhnichibh,  ma  ta, 
gur  h-urram  e  dhuibh  a  bhi  'n  ur  buUl  anns  a' 
chomunn  uasal  so,  eaglais  Chriosd,  agus 
gur  e  rim  Chriosd  d'  a  taobh  gu  'n  naomh- 
aicheadh  e  agus  gu  'n  glanadh  e  i,  agus  gu 
'n  cuireadh  e  'n  a  lathair  fhein  i  'n  a  eaglais 
ghlormhoir  gun  smal,  gun  phreasadh.  Mar 
tha  an  eaglais  naomh,  bithibh-se  naomh  ; 
mar  tha  an  comunn  d'  am  buin  sibh  uasal, 
bithibh-se  uasal. 

"  A  riir  mar  tha  esan  a  ghairm  sibh  naomh, 
bithibh-se  naomh  mar  an  ceudna  'n  'ur 
n-uile   chaitheamh-beatha." 

Is  gairm  ard  gairm  Chriosd ;  cho  ard 
agus  cho  duUich  's  nach  urrainn  duine  air 
thalamh  Criosd  a  leant uinn,  no  a  chuing 
a  ghiulan  'n  a  neart  fhein  a  mhain,  ach 
buidheachas  do  Dhia  nach  d'  fhag  e  sinn 
gu  bhi  a'  cothachadh  an  aghaidh  naimhdean 
ar  n-anma  mar  is  fhearr  is  urrainn  dhuinn 
'n  ar  n-anfhannachd  fhein,  ach  gu  'n  do 
chuir  e  a  Mhac  gu  bhi  'n  a  Fhear-saoraidh 
agus  'n  a  charaid-anma  dhuinn.  Is  e  sgeul 
aoibhneach  an  t-soisgeil  gu  bheil  Dia  ann 
an  Criosd  a  ghnath  maille  rinn,  agus  lanachd 
beatha  agus  neirt  ann  an  Criosd  as  am  faod 
sinn  tarruing  gun  sgur  ma  ghabhas  sinn  an 
doigh  cheart  air  sin  a  dheanamh. 

Cha  sgeul-rtiin  no  diomhaireachd  e  ciamar 
a  tha  a'  bheatha  dhiadhaidh  a'  fas  ann  an 
anam  a'  Chriosduidh  ;  tha  fhios  againn  gu 
maith  nach  'eil  doigh  eile  air  cinntinn  ann 
an  eolas  air  Dia  no  ann  an  naomhachd  ach 
le  bhi  a'  cleachdadh  gu  creidmheach  agus 
gu  riaghailteach  agus  gu  h-iriosal  meadh- 
onan  nan  gras. 

Chan  ann  le  geasan,  no  le  draoidheachd, 
no  le  diomhaireachd  nach  gabh  tuigsinn  a 
tha  Dia  a'  deanamh  obair-shaoraidh  ann 
an  anam  an  duine,  ach  le  meadhonan  reusonta, 
Fhacal,  agus  ixrnuigh,  agus  aoradb.,  agus  na 
sacramaidean,  air  an  soillseachadh  agus  air 
am  beannachadh,  agus  air  an  comh-chur 
ris  an  anam  leis  an  Spiorad  Naomh. 

Am  Biobull 

Gun  chreideamh  gu  bheil  Dia  a'  labhairt 
ruinn  anns  a'  Bhiobull  chan  'eil  ann  ach 
faoineas  a  bhi  saoilsinn  gu  'n  gabh  eolas 
cinnteach  air  Dia  faotainn  ann  an  aite  air 
bith  eile.  Leughaibh-se  am  Biobull,  ma  ta, 
gu   creidmheach   a   chionn  gur   e   facal   an 


AIG  AN  UINNEIG 


Tighearn  a  tha  ann,  agus  gur  e  sin  an  doigh 
anns  an  cluinn  sibh  Dia  a'  labhairt  ribh. 
Agus  leughaibh  e  gu  riaghailteach,  is  e  sin 
ri  radh,  a  h-uile  la,  oir  tha  feum  againn  air 
Dia  daonnan.  Agus  leughaibh  e  gu  h- 
iriosal,  a'  cuimhneachadh  c6  a  tha  a'  labhairt 
ann,  agus  ag  radh  'n  'ur  cridhe  "  Labhair, 
a  Thighearn,  tha  do  sheirbhiseach  ag 
eisdeachd." 

Ciod  air  bith  a  their  daoine  eile  tha  misa 
cho  cinnteach  's  a  tha  mi.  a  ni  air  bith  fo 
'n  ghrein  gur  e  an  fhior  aobhar  do  'n  mharbh- 
antachd  spioradail  a  thuit  oirnn  an  Albainn 
an  diugh,  gu  'n  do  chaill  am  Biobull  an  t- 
tighdarras  a  bha  aige  aon  uair,  agus  'n  a 
chois  sin,  gu  bheil  daoine  air  stad  d'  a 
leughadh.  Sin  an  dara  ceum  air  an  t- 
slighe  air  falbh  o  Dhia.  Cha  b'  aithne 
dhomh  riamh  duine  diadhaidh  aig  nach 
robh  gaol  air  a'  BhiobuU,  ,no  duine  nach 
biodh  'g  a  leughadh  a  lean  fada  air  dol 
am  measg  nan  creidmheach.  Is  e  am 
Biobull  aran  lathail  a'  Chriosduidh,  am 
meadhon  as  cinntiche  a  chumas  e  ann  an 
co-chomunn  ri  Dia  agus  ri  Criosd.  Tha  am 
Biobull  a'  cumail  Dhe  'n  ar  smuaintean, 
agus  tha  fhios  againn  uUe  gu  maith  gur 
ann  aig  na  h-amannan  sin  anns  nach  robh 
Dia  ann  an  gin  d'  ar  smuaintean  a  shleamh- 
naich  sinn  agus  a  leon  sinn  ar  n-anam. 

Urnuigh 

Ach  ma  's  e  dearmad  air  a'  Bhiobull  an  dara 
ceum  air  an  t-slighe  air  falbh  o  Dhia  is  e 
dearmad  air  drnuigh  a'  cheud  cheum.  Ma 
tha  fhios  agad  gu'm  bi  duine  ag  urnuigh  cha 
ruig  thu  leas  eagal  no  iomguin  a  bhi  ort 
d'a  thaobh  gu  spioradail,  no  fhoighneachd 
CO  dhiubh  a  tha  e  fallan  no  neo-fhallaii  'n 
a  .bheachdan,  oir  bheir  a  ghluinean  e  na  's 
dluithe  do'  Dhia  na  cheann.  Mar  is  sine  a 
tha  mi  a'  fas,  agus  mar  is  fhe^rr  m'  eolas 
air  mo  chridhe  f  hein  agus  air  daoine  eile,  is  ann 
is  cinntiche  mi  nach  'eil  daoine  diadhaidh 
anns  an  eaglais  ach  a  mhain  na  daoine  a 


bhios  ag  urnuigh.  Is  e  ar  n-tirnuighean 
a  tha  'g  ar  cumail  dliith  ri  Dia,  agus  is  e 
dluths  ri  Dia  toiseach  agus  meadhon  agus 
deireadh  na  beatha-dhiadhaidh.  Is  sona 
da-ru-eadh  iadsan  aig  a  bheil  c4il  a  dh' 
iirnuigh. 

An  ni  a  bha  ann,  is  e  an  ni  sin  fein  a 
bhitheas  ann,  agus  chan  'eil  ni  nuadh  fo 
'n  ghrein.  Chunnaic  mi  anns  a'  choimh- 
thional  so  daoine  6g  a'  tighinn  gu  bord  an 
Tighearn,  a  lean  air  fas  agus  air  abachadh 
ann  an  eolas  spioradail  agus  ann  am  buadhan 
tlachdmhor  an  daonnachd,  ach  chunnaic  mi 
feadhainn  eile  a  thuit  air  falbh  ged  bha 
iad  gealltanach  gu  leor  an  toiseach.  Gach 
uair  a  thachair  sin,  cho  fad  's  a  b'  aithne 
dhomh,  b'  e  so  na  ceuman  'n  an  cul-shleamh- 
achadh ;  a'  cheud  cheum.,  pheacaich  iad 
gun  aithreachas  a  dheanamh ;  an  dara 
ceum,  stad  iad  a  dh'  tirnuigh ;  an  treas  ceum, 
stad  iad  a  bhi  a'  leughadh  a'  Bhiobuill ; 
an  ceathramh  ceum,  stad  iad  a  dhol  do 
'n  eaglais  ach  air  Sabaid  comanachaidh, 
agus  mu  dheireadh  chan  fhaicteadh  iad  aig 
a'  chomanachadh  fhein.  Agus  an  sin,  an 
ceann  uine,  rinn  na  foirbhich  an  dleasdanas 
a  reir  riaghailt  na  h-eaglais,  agus  dhubh  iad 
a  mach  an  ainm  a  leabhar  na  h-eaglais  mar 
dhaoine  nach  robh  air  an  aireamh.  na  b' 
fhaide  am  measg  nan  creidmheach.  Och, 
och  ;  CO  aige  tha  fhios  ciod  is  fhearr  no  ciod 
is  miosa,  ach  ged  nach  eisdeadh  iad  ri  guth 
na  h-eaglais,  ma  dh'  fhaoite  gu  'n  eisd  iad 
uaireigin  fhathast  ri  guth  Chriosd.  Is  maith 
am  buachaille  an  oidhche ;  bheir  i  gach 
creutair  dhachaidh. 

"  Ach  is  dearbh  leinn  nithean  as  fearr  m' 
ur  timchioU-sa,  a  dhaoine  oga,  ged  tha  sinn 

a'  labhairt  mar  so agus  is  miann 

leinne  gu'n  dean  gach  aon  agaibh  an 
diirachd  ceudna  a  nochdadh  chum  lan- 
dearbhaidh  an  dochais  gus  a'  chrioch,  chum 
nach  bi  sibh  leasg,  ach  'n  'ur  luchd-lean- 
mhuinn  orra-san  a  tha  tre  chreideamh  agus 
fhoidhidinn  a'  sealbhachadh  nan  geall- 
aidhean." 


Aig  an  Uinneig 


Freagairt  mhin 

UAIR  a  bha  mi  a'  dol  a  lonar-nis  do 
Dhim-eideann  bha  am  fear  nach  maireann, 
Iain  L.  Mac  Dhonnchaidh,  Ard  Fhear- 
ceasnachaidh  nan  sgoilean  anns  a'  Ghaidh- 
^altachd,  'n  a  shuidhe  laimh  rium  anns  a' 
charbad-iaruinn.  Chan  'eil  cuimhne  agam 
an  diugh  car  son  a  bha  a'  Pharlamaid  a' 
toirt  seachad  an  airgid,  ach  bha  e  air 
ainmeachadh  ann  am  paipear-naidheachd  a 
bha  mi  a'  leughadh  gu  'n  robh  a'  Pharlamaid 


a'  cur  air  leth  suim  mhaith  airgid  a  leasachadh 
cor  na  tuatha  anns  a'  Ghaidhealtachd,  agus 
shin  mi  am  paipear  do  'n  Ollamh,  ag  radh 
ris  gu  'n  robh  mi  toilichte  sud  fhaicinn  ann.  ■ 
"  Ma  tha  thusa  toilichte,  chan  'eil  mise," 
arsa  duine  a  bha  'n  a  shuidhe  m'  am  choin- 
neamh,  agus  aodann  a'  fas  cho  dearg  ri 
cirean  coilich  le  feirg.  "Cha  ghearaininn 
air  an  tuilleadh  c£iin  a  bhi  air  a  chur  orm 
a  chumail  suas  arm  agus  cabhlach  na 
duthcha,  no  air  son  aobhar  maith  eile,  ach 


AIG  AN  UINNEIG 


is  rud  sgriosail  agus  damainte  e  a  bhi  a' 
cosd  maoin  na  rioghachd  air  daoine  leasg." 

Chaidh  an  duine  gu  buileach  bharr  a 
shiiiil,  agus  ged  nach  d'  fhosgail  neach.  eile 
anns  a'  charbad  a  bheul,  leis  no  'n  a  aghaidh, 
lean  e  air  gus  an  robh  sinn  uile  seachd  sgith 
dheth,  a'  caineadh  nan  Eileanach  agus  gu 
seachd  sonraichte  muinntir  Leodhuis.  Thubh- 
airt  e  gu  'n  robh  iad  leasg  agus  gun  sgoinn, 
agus  nach  robh  annta  ach  por  dona  anns  an 
robh  galair  a'  bhais  co-dhiu,  agus  mar  sin 
naah  robh  ann  ach  goraiche  do  Riaghaltas 
na  duthcha  a  bhi  'g  an  cuideachadh. 

An  uair  a  shiolaidh  an  stoirm,  thubhairt 
an  t-Ollamh  Mac  "Dhonnchaidh  ris  ann  an 
guth  ciuin,  "  A  bheil  fhios  agad  gu  bheil 
barrachd  de  'n  chloinn  a  tha  air  am  breith 
ann  an  Leodhus  a'  mairsinn  beo  'n  an 
naoidheanachd  na  tha  a'  mairsinn  beo 
an  aite  air  bith  eile  an  Albainn  ?  " 

Cha  robh  fhios  aige  air  sud. 

"  Agus  a  bheil  fhios  agad  gu  bheil  barrachd 
de^  dhaoine  ann  an  Leodhus  a  ruighinn 
ceithir  fichead  bliadhna  na  ann  an  aite 
air  bith  eile  an  Albainn  ? 

Cha  robh  fhios  aige  air  sud  na  bu  mho. 

"  Ma  tha  thu  aineolach  air  na  nithean 
sin  car  son  a  tha  thu  a'  gabhail  ort  fhein 
a  radh  gur  por  dona  a  tha  ann  an  Leodhus  ; 
saoilidh  mi  gur  maith  an  comharradh  e  air 
sluagh  air  bith  iad  a  bhi  a'  faotainn  na 
buadha  aig  da  cheann  am  beatha." 

Chaidh  a'  ghlas-ghuib  air  an  fhear  air 
an  robh  an  fhearg,  agus  cha  d'  thainig  diog 
tuilleadh  as  a  bheul  gus  an  do  dhealaich  e 
ruinn  aig  Peairt. 

Chan  'eil  fhios  agam-sa  gus  an  la  'n  diugh 
CO  dhiubh  a  bha  an  t-Ollamh  Leodhusach 
ceart  no  cearr  anns  na  thubhairt  e,  ach 
thainig  an  seanchas  ud  air  ais  gu  m'  chuimhne 
an  uair  a  leugh  mi  ann  am  paipear-naidheachd 
gu  'n  do  shiubhail  seana  bhean  ann  an 
Leodhus  a  bha  a'  direadh  ri  coig  fichead 
's  a  h-ochd.  Bha  triiiir  chloinne  aice  ;  coig 
deug  ogha  ;  aon  deug  a  dh'  iar-oghachan, 
agus  bha  ogha  aig  an  ogha  aice.  Tharruing 
i  pension  na  seann  aoise  o  'n  cheud  la  a 
thoisich  e. 

Rinn  Achd  nan  Croitearan  agus  Pension 
na  seann  aoise  barrachd  maitheachaidh  air 
saorsa,  sonas,  agus  cor  dhaoine,  anns  a' 
Ghaidhealtachd  na  gach  lagh  no  riaghailt 
eile  a  rinn  a'  PharlamSid  o  chionn  ceud 
bliadhna. 

Iain  Friseal,  M.A.,  LL.D. 

Chaochail  an  sgoilear  maith  so  gle  6g  ; 
cha  robh  e  ach  tri  fichead  's  a  dha.  Ged 
nach  robh  a  bheag  de  ghaol  aige  air  Gaidhlig 
an  uair  a  Ip'  aithne  dhomh  e  'n  a  bhalach 


b'   e   sgoilearachd   Ghaidhlig   priomh   obair 
a  bheatha  air  a  cheann  mu  dheireadh. 

Mac  geamair  ann  ^n  Gleann  Urchardan, 
bha  e  air  a  theagasg  m'  an  deachaidh  e  do 
Oilthigh  Obar-eathain  le  Benjamin  Skinner, 
M.A.,  ann  an  sgoil  Dhruim-na-drochaid, 
aon  de  na  maighstirean-sgoile  a  b'  fhearr 
anns  an  taobh  Tuath  anns  an  am.  An  uair 
a  gheibheadh  Benjamin  Skinner  greim  air 
balach  tapaidh  cha  chaomhnadh  e  iiine  no 
saothair  'g  a  chuideachadh,  agus  bha  de 
Laidionn  agus  de  Ghreigis  aig  Iain  Friseal 
an  uair  a  dh'  fhag  e  an  sgoil  's  gu  'n  robh 
e  furasda  dha  aite  fhaotainn  an  Oilthigh 
Obar-eathain  am  measg  na  tritiir  a  b' 
fhearr.  Bha  an  triuir  sin  'n  am  Professors 
am  beagan  uine. 

An  uair  a  chriochnaich  e  an  Obar-eathain 
leis  an  urram  a  b'  airde  chaidh  e  do  Cham- 
bridge,  far  an  robh  e  cho  comharraichte  an 
Laidionn  agus  an  Greigis  's  a  bha  e  an  Obar- 
eathain,  a'  cosnadh  mhedals  agus  dhuaisean 
nach  robh  riamh  air  an  cosnadh  ach  le 
sgoilearan  barraichte. 

Bha  e  greis  a'  teagasg  Laidionn  an  Oilthigh 
Obar-eathain,  a'  cuideachadh  a  sheana 
mhaighstir.  Professor  Ramsay,  agus  tri 
bliadhna  a'  teagasg  Gaidhlig,  ach  ann  an 
1921  thug  Oilthigh  Oxford  cuireadh  dha 
do  'n  Chathair  Ghaidhlig  an  Oxford,  agus 
is  ann  an  sin  a  chuir  e  seachad  na  bliadnachan 
mu  dheireadh  d'  a  bheatha.  Ged  a  theirear 
a'  Chathair  Ghaidhlig  rithe  is  ann  gle  annamh 
a  tha  oileanaich  an  Oxford  aig  a  bheil 
Gaidhlig  idir  ;•  bha  na  h-oileanaich  aig 
Iain  Friseal  coltach  ris  na  daoine  a  bha 
cruinn  air  la  na  Cuingis,  Partaich,  agus 
Medich  agus  Elamich,  agus  gach  aon  dhiubh 
a'  labhairt  a  chanain  fhein ;  Eirionnaich 
agus  Manaich,  agus  Cuimrich,  agus  Sasun- 
naich,  agus  Gearmailtich,  agus  Ruisianaich, 
agus  iad  uile  dian  air  laghannan  gramair  a 
lorgachadh  agus  an  daimh  a  tha  aig  aon 
chanain  ri  canain  eile.  Sin  a'  mheanbh- 
sgoilearachd  air  an  robh  Iain  Friseal  maith, 
agus  d'  an  d'  thug  e  suas  a  bheatha,  ach 
ged  bha  fhios  againn  gu  'n  robh  e  maith 
air  sloinntearachd  fhacal,  agus  air  sgoil- 
earachd na  sluasaid,  agus  air  sioladh 
mheanbh-chuileagan  gramair,  bha  sinn  ag 
ionndrainn  nach  robh  e  cho  eudmhor  "s 
a  bu  mhaith  leinn  a  thaobh  cainnt  bheo 
ar  duthcha,  no  a  thaobh  an  t-sluaigh  a  tha 
'g  a  bruidhihn.  Tha  raontan  farsuinn  agus 
maiseach  ann  an  oighreachd  bhriagh  na 
Gaidhlig  air  nach  do  chuir  e  riamh  a  chas. 

Cha  mhor  dhaoine  anns  a'  ghineal  so  d' 
an  robh  e  cho  furasda  canain  iir  ionnsachadh 
's  a  bha  e  do  Iain  Friseal. 

An  1923  thug  Oilthigh  Obar-eathain 
LL.D.  dha. 


Aireamh  8 


1945 


Comhairlean  ludais  d'a  Mhaighstir 


{Le  deisciobul  gun  ainm) 


B'E  Nicodemus  a'  cheud  duine  a  thug 
rabhadh  dhomh  gu  robh  beatha  mo  Mhaigh- 
stir an  cunnart.  "  Tha  a'  Chomhairle," 
ars  esan,  "  am  beachd  gur  duine  cunnartach 
e,  agus  gu'm  faod  e  aimhreit  a  dheanamh 
eadar  an  dtithaich  so  agus  an  Roimh.  Tha 
moran  de'n  t-sluagh  air  a  thaobh,  agus  ged 
naeh  'eil  iad  'g  a  radh  am  follais,  no  ri 
seanairean  no  sagartan,  tha  iad  a'  creidsinn 
gur  e  losa  anpi  Mesiah.  Gun  teagamh  tha 
cuid  eile  cinnteach  nach  'eil  ann  ach  mealltair, 
ach  chreideadh  eadhon  na  daoine  sin  ann 
cuideachd  na'm  faiceadh  iad  e  air  cheann 
airm  a'  deanamh'  ar-a-mach  an  aghaidh  a' 
Cheasair.  Tha  an  luchd-riaghlaidh  an  impis 
dol  as  an  ciall  leis  an  eagal,  oir  chan  'eil 
iarraidh  air  bith  aca-san  rioghachd  Dhe  a  bhi 
air  a  cur  air  chois." 

"  Car  son  nach  'eil,"  thuirt  mi  ris. 

"  Tha,"  arsa  Nicodemus,  "  a  chionn  gu'n 
caill  iad  fein  an  iighdarras.  Ach  chan 
urrainn  dhaibh  le  'n  naire  sin  aideachadh, 
agus  is  e  a  tha  iad  a'  feuchainn  r'a  dheanamh 
aobhar  casaid  fhaotainn  'n  a  aghaidh  a 
chum  gu'n  seall  maoir  na  Roimhe  'n  a 
dheidh." 

Thuirt  mi  ris  nach  robh  iarrtus  sam  bith 
dlig  losa  air  daoine  a  dhusgadh  an  aghaidh 
na  Roimhe  ;  gu'm  faodadh  inntinn  shoerach 
a  bhi  aig  an  luchd-riaghlaidh  a  thaobh  sin, 
a  chionn  nach  rachadh  e  gu  brath  air  cheann 
airm  agus  nach  b'e  rioghachd  thalmhaidh 
a  bha  e  a'  searmonachadh.  "  Tha  mi  a' 
creidsinn  sin,"  sara  Nicodemus,  "  ach  ged 
nach  'eil  na  ruintean  a  tha  an  luchd-riagh- 
laidh a'  cur  as  a  leth  ann  an  cridhe  losa 
fein  tha  amharus  agam  gu  bheil  iad  ann  an 
cridheachan  a  luchd-leanmhuinn.  Mur  bheil 
na  seanairean  no  na  sagartan  a'  tuigsinn 
losa  cha  mho  a  tha  cuid  d'a  dheisciobuil 
fein.  Is  aithne  dhuit  ludas  Iscariot.  Sin 
agad  duine  a  rinn  cron  mor  do  losa  ann  an 
Jerusalem  agus  duine  air  nach  rachainn  an 
urras  fad  mo  bhroige.  Mur  bheil  mi  air  mo 
mhealladh  tha  e  a'  feuchainn  ri  losa  a 
shuaineadh  m'a  chorragan,  a'  feuchainn  ri 
bhrosnuchadh  an  aghaidh  na  Roimhe,  oir 
tha  grain  uamhasach  aige  fein  air  an  Roimh 
agus  leanadh  e  gu  bas  commandair  air  bith 
a  dh'  eireadh  na  h-aghaidh.  Is  e  gamhlas 
do'n  Roimh  agus  chan  e  gaol  na  diadhaidh- 


eachd  a  thug  air  ludas  losa  a  leantuinn. 
An  uair  a  chual  e  e  a'  searmonachadh  na 
rioghachd  shaoil  e  gur  e  a  bha  e  a'  ciaUachadh 
ar-a-mach  a  dheanamh  an  aghaidh  na 
Roimhe  agus  saorsa  aimsireil  a  chosnadh 
do  Israel.  Sin  a  thug  air  e  fein  a  thairgsinn 
mar  dheisciobul,  agus  an  uair  a  chunnaic  e 
nach  e  sin  idir  a  bha  ann  an  inntinn  losa 
dh'  fheuch  e  leis  gach  cuilbheart  a  b'  aithne 
dha  air  aomadh  gu  ceannairc  a  dheanamh 
an  aghaidh  na  Roimhe.  Is  mor  m'  eagal, 
eadar  ludas  a  tha  'n  a  dhuine  borb  agus 
Caiaphas  a  tha  'n  a  dhuine.  sleamhainn,  gu 
bheil  losa  arm  an  cunnart  a  bheatha." 

Thachair  mise  agus  ludas  air  a  cheile  an 
uair  a  bha  e  a'  dol  a  steach  do'n  bhaile, 
ach  ma  thachair,  cha  do  rinn  e  uiread  is 
sealltuinn  orm,  oir  bha  e  a'  coiseachd  gu 
laidir  agus  a  shuil  air  an  lar  is  cath  sheanchais 
aige  ris  fhein.  An  uair  a  bhruidhinn  mi  ris 
stad  e  agus  sheall  e  orm  mar  gu'm  biodh 
aithne  gun  chuimhne  aige  orm,  ach  an  ath 
mhionaid  chaidh  e  'n  a  chuimhne  is  dh' 
aithnich  e  mi.  Gun  uiread  is  failte  a  chur 
orm  dh'  fheoraich  e  dhiom  an  robh  losa  ann 
an  Capernaum.  Thuirt  mi  ris  gu  robh.  An 
uair  a  chual  e  sin  dh'  fhalbh  e  bhuam  mar 
gu'm  biodh  cu  air  lorg  maighich.  Bha  de 
chabhaig  air  's  gu  robh  mo  leor  agam-sa  r'a 
dheanamh  cumail  suas  ris.  An  ceann  greis 
dh'  fheoraich  e  dhiom  ciod  a  bha  losa  a' 
deanamh.  "  Tha  e,"  arsa  mise,  "  ag  obair 
aig  a  cheaird."  "  Ag  obair  aig  a  cheaird," 
ars  esan,  mar  gu'm  faigheadh  e  buille  anns 
an  aodann  ;  "a'  cosd  uine  ri  gibhleis  de 
shaorsainneachd  is  Israel  a'  dol  a  dhith." 

Fhuair  e  losa  shios  aig  taobh  an  locha 
agus  e  fein  is  triuir  no  cheithrear  eile  a'  cur 
a  mach  bata.  An  uair  a  chvmnaic  losa 
ludas  agus  an  coltas  a  bha  air  thuirt  e  ris, 
"  Tha  mi  'n  duil  gu  bheil  thu  anabarach 
sgith  ;  c'uin  a  bhris  thu  do  thraisg  mu 
dheireadh."  "  Chan  'eil  cuimhne  agam," 
fhreagair  ludas,  "  ach  tha  mi  coma  ;  chan 
'eil  feum  agam  air  biadh  ach  bu  mhaith 
leam  rud-eigin  a  radh  riut-sa,  agus  gun 
duine  a  bhi  a  lathair  ach  sinn  fhein." 

Thuirt  losa  ris  gu  robh  e  a'  dol  a  null  gu 
taobh  eile  an  locha  agus  na'n  rachadh  e 
comhla  ris  gu'm  faigheadh  iad  cothrom  air 
bruidhinn. 


COMHAIRLEAN  lUDAIS  D'A  MHAIGHSTIR 


Chuir  losa  agus  mi  fhein  ar  guaillean  ri 
toiseach  na  geola'g  a  cur  a  mach  ;  an  uair 
a  bha  i  air  bheul  a  bhi  air  phlod  leum  mi  a 
steach  innte  los  a  cumail  air  a  druim,  agus 
lean  ludas  mi.  An  uair  a  fhuair  sinn  a  gheola 
air  doigh  thug  sinn  a  steach  losa  ach  dh' 
fhag  sinn  each  air  tir  a  chionn  gu  robh  toil 
aig  ludas  bruidhinn  ri  losa  gun  daoine  eile 
'g  a  chluinntinn.  Bha  e  coma  ged  a . 
chluinninn-Sft  na  bha  aige  ri  radh  ris. 

"  A  Mhaighstir,"  thuirt  e  ri  losa,  "  shear- 
monaich  mise  an  rioghachd  ann  an  Galile  mar 
a  dh'  iarr  thu  orm,  ach  air  dhomh  a  bhi  dol 
air  feadh  na  duthcha  bha  mo  chridhe  air  a  - 
leon  le  cor  bronach  an  t-sluaigh  ;  tha  cas  na 
Roimhe  air  an  amhaichean  ;  tha  an  Roimh 
a'  deanamh  foirneirt  orra  agus  gun  de 
sprachd  no  de  dhuinealas  anns  na  daoine 
mora  againn  fhein  na  their  ri  maoir  a' 
Chaesair  gur  h-olc  a  tha  iad  a'  deanamh. 
Cha  ruig  sinn  a  leas  a  bhi  sealltuinn  ri  maith- 
ean  na  diithcha  air  son  saorsa  a  chosnadh 
dhuinn  o'n  Roimh ;  tha  iadsan  caoin- 
shuarach  ciod  a  thachras  do'n  t-sluagh 
bhochd  ma  gheibh  iad  neadan  blath  is 
socrach  a  dheanamh  dhaibh  fein.  Ach  ma 
chuireas  tusa  tu  fein  air  cheann  an 
t-sluaigh  agus  ma  thogas  tu  seana  bhratach 
Israeil  aon  uair  eile  cuiridh  mise  mo  cheann 
an  geall  gu'n  erich  an  sluagh  uile  leat  oir  bu 
sgeul  bhinn  e  'n  an  cluasan  aij.  uair  a  dh'  innis 
mise  dhaibh  gu  robh  e  'n  ad  bheachd  riogh- 
achd Israeil  a  chur  air  chois  a  ris.  Ach  'ann 
an  tiine  ghoirid  bidh  e  ro  anmoch  sin  a 
dheanamh  ;  as  uchd  Dhe  dean  cabhag  agus 
rach  a  mach  air  cheann  an  t-sluaigh." 

Th^inig  rachd  ann  an  muineal  ludais  agus 
deoir  'n  a  shuilean  ach  cha  do  fhreagair  losa 
diog.  "  An  uair  a  dh'  iarr  mi  ort  cheana," 
ars  ludas,  "  thu  fein  a  chur  air  cheann  an 
t-sluaigh  agus  eirigh  an  aghaidh  a'  Chaesair 
cha  do  leig  thu  ort  gu'n  cual  thu  mi.  Ach  is 
aithne  dhomhsa  cor  an  t-sluaigh,  an  t-acras 
agus  a'  gheur-leanmhuinn  a  tha  iad  a' 
fulang.  Chan  'eil  thusa  'ga  fhaicinn  no  'g 
a  thuigsiim.  0,  losa  a  Mhaighstir,  nach  eisd 
thu  rium,  agus  nach  buail  thu  buille  as  leth 
an  t-sluaigh!  Mur  dean  thusa  e  chan  eil 
duine  eile  ann  a  ni  e.  Chan  'eil  ach  aon 
duine  anns  an  duthaich  as  urrainn  saorsa  a 
chosnadh  do  Ghalile  o  chuing  na  Roimhe, 
agus  is  tusa  an  duine  sin.  Nach  eisd  thu 
rium!  Nach  gabh  thu  mo  chomhairle ! 
Chan  'eil  agad  ach  do  lamh  a  thogail  agus 
leanaidh  na  miltean  thu.',' 

A  ris  thainig  rachd  ann  am  muineal 
ludais  agus  deoir  'na  shiiilean,  oir  bha  e  a' 
labhairt  le  'uile  chridhe,  a'  tagradh  a  chiiise 
mar  a  dh'  aslaicheas  duine  air  son  an  ni  as 
ion-mhiannaichte  leis  air  thalamh. 


"  Na'n  rachadh.  agam-sa  mi-fhein,"  ars 
esan,  "air  a  dheanamh  cha  bhithinn  a' 
bruidhinn  riut  idir.  Rachainn  a  mach  air 
cheann  an  t-sluaigh  agus  chuirinn  crioch  air 
riaghladh  a'  Chaesair  anns  an  tir  so.  Ach 
ciod  am  feum  dhomh  a  bhi"  smuaineachadh 
air  sin,  agus  fhios  agam  gu  maith  nach 
leanadh  an  sluagh  mi.  Tha  rudeigin  .'g  am 
dhith.  Ach  leanaidh  iad  thusa,  losa.  Tha 
earbsa  aca  annad,  agus,  tha  gaol  aca  ort. 
0,  nach  paigh  thu  dhaibh  an  gaol  sin,  agus 
nach  toir  thu  saorsa  dhaibh,  oir  chan  'eil 
an  cor  bronach  an  ain-fhios  dhuit." 

Bha  coibhneas  is  blaths  is  truas  ann  an 
aodann  agus  ann  an  guth  losa  an  uair  a 
fhreagair  e.  "  Chan  'eil  fhios  agad,  ludais, 
ciod  a  tha  thu  ag  radh  agus  ag  iarraidh. 
Eisd  rium  mionaid  bheag.  Sin  an  dearbh 
bhuaireadh  a  chuir  Satan  thugam  anns  an 
fhasach.  Dh'  iarr  e  orm  rioghachd  Dhe 
a  chvir  air  chois  le  cumhachd  gairdean  feola. 
Cha  ghabh  sin  deanamh,  oir  chan  ann  le 
airm  chogaidh  f  heolmhor  a  chuirear  air  chois 
an  rioghachd  a  tha  mise  a'  searmonachadh 
ach  leis  an  Spiorad  Naomh  ;  chan  ann  a 
chum  Israel  a  shaoradh  o  chuing  na  Roimhe 
a  chuir  m'  Athair  mise  do'n  t-saoghal,  ach 
a  chum  daoine  a  shaoradh  6  na  h-uilc  sin  'n 
an  cridheachan  fein  a  shalaicheas  iad. 
Chan  urrainn  ni  air  bith  o'n  taobh  a  muigh 
de'n  duine  a  shalachadh  ;  tha  na  nithean  a 
shalaicheas  an  duine  an  taobh  a  stigh  dheth 
fein,  drochd  smuaintean,  striopachas,  gad- 
achd,  mort,  adhaltrannas,  sannt,  aingidh- 
eachd,  mealltaireachd,  macnus,  droch  shuil, 
toibheum,  uabhar,  amaideachd." 

Dh'  fhan  ludas  samhach  mionaid  no  dha, 
ach  an  uair  a,  thainig  e  thuige  fhein  thuirt 
e  ri  losa,  "  Fo  riaghladh  na  Roimhe  tha  an 
sluagh  a'  basachadh  le  acras  is  cion  bidh. 
Mur  toir  thu  dhaibh  saorsa,  rud  a  rachadh 
agad  air  a  dheanamh,  nach  toir  thu  dhaibh 
CO  dhiu  gu  leoir  de  bhiadh !  Rach  a  mach 
air  an  ceann,  a  chum  's  gu'm  faigh  iad  bho 
am  maighstirean  an  coraichean,  agus  nach 
bi  iad  na's  fhaide  a'  basachadh  le  acras." 

"  Sin  buaireadh  eile,"  ludais,  "  a  chuir  an 
diabhol  thugam  anns  an  fhasach.  Tha  nithean 
eile  cho  feumail  do  mhac  an  duine  ri  aran, 
agus  ma  dh'  iarras  iad  air  tus  rioghachd 
Dhe  agus  fhireantachd  bheirear  na  nithean 
sin  dhaibh."  , 

Ach  bha  ludas  diorrasach  agus  cha 
gheilleadli  e.  "A  Mhaighstir,"  ars  esan, 
"  mur  cuir  thu  thu  fein  air  cheann  an 
t-sluaigh  ann  an  Galile  nach  dean  thu  e  ann 
an  lerusalem !  Rach  do  lerusalem  agus 
searmonaich  an  rioghachd  an  sin." 


ARD-SHEANADH  NA  H-EAGLAIS,  1945 


Thuig  losa  anns  a'  mhionaid  ciod  a  bha 
ann  an  inntinn  ludais  ;  sheall  iad  ann  an 
suilean  a  cheile  agus  gun  a  h-aon  aca  ag 
radh  diog,  ach  an  sin  dh'  erich  losa  'na 
sheasamh  agus  thuirt  e  gu  cabhagach, 
"  Ni  mi  sin,  ludais,  theid  mi  do  lerusalem." 


Agus  mar  gu'm  biodh  e  a'  bruidhinn  ris  fein 
tliubhairt  e,  "  Cha  mhithich  do  fhMdh  a 
bhi  air  a  mharbhadh  ach  ann  an  lerusalem." 
Cliuala  ludas  am  facal  a  thubhairt  e  ;  sheall 
e  air  gu  diir  is  fhreagair  e,  "  Chan  e  bas  ach 
buaidh  a  tha  romhad  ann  an  lerusalem." 


Ard-Sheanadh  na  h-Eaglais^  1945 

Leis  an  Urramach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  C ill-mo -naomhaig . 


THA  mu  'n  treasa  cuid  de  mhinistearan  na 
h-eaglais  ann  an  Albainn,  maille  ri  uiread  de 
fhoirbhich,  mu  shia  ceud  deug  pearsa  le 
cheile,  a'  coinneachadh  bliadhna  an  deidh 
bliadhna  ann  an  Dun-eideann  a'  dh'  orduch- 
adh  gach  seorsa  gnothuich  a  bhuineas  do  'n 
Eaglais  anns  an  duthaich  so,  agus  air  feadh 
an  t-saoghail. 

Tha  an  gnothuch  iom-fhillteach  so  air  a 
thoirt  fa  chomhair  an  t-Seanaidh  ann  an 
iomradh  fada  no  goirid,  leis  na  Buidheannan- 
riaghlaidh  (Committees),  d'  am  buin  e.  Tha 
ceithir  air  fhichead  Buidheann  a'  laimhseach- 
adh  chiiisean  maireannach  na  h-Eaglais  ; 
agus  a  bharr  orra,  bha,  am  bliadhna,  ochd 
air  fhichead  Buidheann  a'  laimhseachadh 
chuisean  sonruichte,  nach  mair  ach  tacan. 
Mar  sin,  dh'  eisd  an  Seanadh  air  a'  bhliadhna 
so,  ri  dha  dheug  is  da  fhichead  iomradh  ; 
agus  thug  iad  binn  air  gach  aon  dhiubh. 
Chaith  iad  ochd  laithean  o  mhoch  gu  anmoch 
anns  an  aobhar  sin,  ag  eisdeachd,  a'  rannsach- 
adh,  agus  a'  toirt  breith.  Cha  siigradh  do 
neach  air  bith  a  ni  a  dhleasdanas  a  bhi  'n  a 
bhall  de  'n  Ard-Sheanadh  ;  aig  deireadh  an 
latha,  cha  bhi  e  ro  bhruidhneach. 

Bha  ainm  aig  na  seana  Ghaidheil  air 
cuirt-lagha  ;  b'  e  sin,  "  An  Seanachas  Mor." 
Ainm  turail,  a'  ciallachadh  gu  'm  bitheadh 
a'  cheist  air  a  deasbdd  le  daoine  ionnsaichte, 
glic,  ann  an  solus  prionnspail  a'  cheartais. 
Chan  'eil  ctiirt  air  thalamh  anns  an  cluinnear 
aig  amanna  araidh,  seanchas  cho  mor  is  a 
chluinnear  aig  Ard-Sheanadh  eaglais,  far  am 
faighear  daoine  comasach  agus  diadhaidh  a' 
fosgladh  agus  a'  foillseachadh  cixise 
chudthromaich  ann  an  solus  na  firinn.  Gun 
teagamh,  tha  roinn  nach  beag  de  ghnothuch 
gach  Seanaidh  de  sheorsa  nach  agair  "  sean- 
achas mor  "  a  dheanamh  mu  dheidhinn  ; 
ach  ma  bhuineas  an  cuspair  do  fhior  bheatha 
agus  fianuis  na  h-Eaglais,  am  bitheantas 
togar  is  foillsichear  e  le  priomh  phearsachan 
na  Cuirte  ann  an  doigh  nach  fhag  ach  gle 
bheag  ri  iarraidh. 

Aitean  falamh 

A  mach  o  lonadair  an  Righ,  cha  robh 
urrachan  iomraiteach  na  duthcha  a  lathair, 


ged  a  bha  fiughair  ri  fear  no  dha  dhiubh. 
Tha  an  seorsa  ro  thrang  aig  an  am  so.  Cha 
mhotha  bha  pearsachan  bho  Eaglaisean  Ath- 

-  leasaichte  na  h-Eorpa  maille  ruinn  ach  aon 
fhear  as  an  t-Suain  ;  oir  bha  an  suidheachadh 
fhathast  Ian  trioblaid,  nach  ceadaich  dhaibh 
tighinn  air  a  leithid-de  thurus.  Ach  bha  an 
leithidean  leinn  a  Sasunn,  as  a  Chuimrich, 
a  Eirinn,  a  Canada,  as  na  Statachan,  as 
Astralia^  agus  Africa-mu-dheas.  Thug  iad 
thugainn  beannachdan  nan  eaglaisean  cleir- 
eachail  'n  an  duthchannan ;  agus  dh' 
innis  iad  dhuinn  mar  a  tha  dol  leo,  agus  a'  dol 
n'  an  aghaidh,  an  duileadasan  agus  an 
dochasan  ;  agus  gu  sornuichte  mar  a  tha 
iad  daonnan  a'  sealltuinn  ri  Eaglais  na 
h-Alba  agus  fo  fhiachan  dhi  air  son  leabhr- 
aichean,  air  son  luchd-teagaisg  agus  mhinist- 
earan, agus  air  son  na  h-eiseimpleir  ann  an 
aobhar  an  t-soisgeil  feadh  an  domhain. 
Bhlaitich  so  uile  ar  cridheachan  aig  toiseach 
na  feille. 

Mar  an  ceudna  fhuair  sinn  teachdaireachd 
chaomh,  chomfhurtachail  o  'n  Righ,  a'  cur 
an  ceill  a  mheas  air  saothair  na  h-Eaglais  \ 
air  son  leas  an  t-sluaigh,  agus  gu  sonruichte 
air  son  a  seirbhisean  priseil  feadh  aimsir 
dheuchainnich  a'  chogaidh  ;  agus  a'  geall- 
tuinn,  mar  is  gnath,  a  coirichean  laghail  a 

.  choimhead.  A  thuilleadh  air  sin,  labhair 
Ard  lonadair  an  Righ,  Morair  Ghlinn  lucha, 
aig  fosgladh  ag.us  aig  dunadh  an  t-Seanaidh, 
a'  cur  an  ceill  a  chreidimh  fein  gur  e  an 
Soisgeul  aon  dochas  an  t-saoghail ;  agus  a' 
guidhe  air  seiseinean  gun  iad  a  bhi  a'  cur 
bacaidh  air  am  ministearan  a  dhol  do  'n 
arm,  far  an  robh  an  saothair  cho  feumail 
agus  cho  eifeachdach.  Fhuair  sinn  teisteanas 
uime  so  bho  Admiral  Sasunnach  a  labhair 
le  mor  ughdarras  air  a  bhuaidh  f  hallain  agus  • 
chomhfhurtachail  a  bha  aig  ministear  maith 
air  seoladairean  a  chabhlaich.  Bha  corr  is 
fichead  Chaplain  a  lathair  aig  an  am.  Tha 
mu  thri  cheud  de  mhinistearan  na  h-Eaglais 
anns  an  arm.  Thuit  dorlach  dhiubh  anns 
na  blair  ;  agus  leonadh  am  barrachd.  Bha 
e  'n  a  aobhair  taingealachd  a  bhi  ag  eisdeachd 
cliti  cho  ard  air  luach  an  seirbhis. 


ARD-SHEANADH  NA  H-EAGLAIS,  1945 


Tha  taobh  eile  fhathast  air  saothair  na 
h-Eaglais  am  measg  an  airm — 's  e  sin,  na 
tighean-frithealaidh  a  tha  i  a'  cumail  anns 
na  campaichean,  far  am  faigh  ar  gillean 
biadh  is  deoch  air  pris  chothromaich  ; 
seomraichean  leughaidh  is  sgriobhaidh  ;  agus 
caidreamh  fallain  dhaoine  maithe  a  tha  'g 
an  riaghladh.  Tha  na  tighean-frithealaidh 
ud  anns  gach  cearn  de  'n  t-saoghal  anns  a 
bheil  armailtean  Breatunnach  ;  agus  ged  a 
tha  Eaglaisean  agus  Comuinn  eile  ris  a' 
cheart  ghnothuch — tha  feum  orra  uile — 
tha  ainm  dhaibh  fein  aig  tighean  Eaglais 
na  h-Alba  air  son  an  comhfhurtachd,  air 
son  a'  ghliocais  leis  am  bheil  iad  air  an 
orduchadh,  agus  air  son  an  comais  air  toirt 
do  na  saighdearan  faireachduinn  "  aig  an 
tigh  "  annta.  Is  ann  annta  mar  an  ceudna 
a  gheibh  an  luchd-tadhail  cothrom  aoraidh, 
cho  maith  ri  cothrom  iirnuigh  dhiomhair. 
Chan  ann  a  cheannach  cliu  ach  a  chomh- 
lionaidh  dleasdanais  a  lean  ar  n-Eaglais  ar 
n-armailtean  ;  ach  ma  rinn  i  sin  ann  an 
doigh  a  choisinn  meas  neo-chumanta,  chan 
fhios  dhomh  car  son  nach  bitheamaid 
.  taingeil  agus  toilichte.  Aon  fhacal  eile  mu 
'n  ghnothuch  so  :  bha  e  air  a  chur  ris  an 
t-Seanadh  gu  'm  faod  leth-sheana  mhinistear- 
an  agus  fhoirbhich  cho  maith  ri  mnathan, 
a  tha  fallain  agus  d'  am  bheil  e  comasach, 
iad  fein  a  thairgseadh  air  son  na  seirbhis 
so  ;  .  oir  priseil"  is  mar  tha  i  is  ann  tearc, 
tearc,  a  tha  an  luchd-oibre. 

Garaidhean-iaruinn  agus  meinnean 

Am  measg  na  thainig  far  comhair  de 
shaotharr  na  h-Eaglais  anns  an  diithaich 
againn  fein,  bha  da  chilis  a  bhuail  orm  ni 
bu  treasa  n'  an  corr :  a  cheud  aon,  an 
oidhirp  a  tha  dol  air  a  h-aghaidh  o  chionn 
bheagan  bhliadhnachan  air  ais,  gu  bhi  a 
ruigheachd  an  t-sluaigh  leis  an  t-Soisgeul  aig 
oibrichean  mora,  garaidhean-iaruinn  agus 
meinean.  Feumar  aideachadh  gu  'n  dh' 
fhas  atreamh  mhor  de  'n  t-sluagh  a  tha 
saothaireachadh  anns  na  h-oibrichean  ud 
coma  de  'n  Eaglais.  0  chionn  corr  is  leth- 
cheud  bhadhna,  bha  moran  dhiubh  a'  leugh- 
adh  phaipearan  anns  an  robh  araon  an 
Eaglais  agus  an  Soisgeul  gu  trie  'g  an 
caineadh,  air  a'  bhonn  gu  'n  robh  iad  a' 
toirt  comhfhurtachd  fhallsa  do  'n  t-sluagh, 
'g  an  deanamh  toilichte  ann  an  tomhas  le 
'n  staid  thimeil,  agus  'n  an  ciil-taic  do  na 
cumhachdaich  agus  na  beartaich.  A  nis, 
tba  e  furasda  gu  leor  a  leithid  so  de  chasaid 
a  thogail  an  aghaidh  Eaglais  agus  Soisgeil ; 
oir  tha  roinn  de  'n  fhirinn  innte  ;  tha  e 
fior,  ma  tha  daoine  ann  an  reite  ri  Dia, 
ann  an  seilbh  air  a'  bheatha  mhaireannaich, 


agus  air  spiorad  graidh  d'  an  comh-chreutair, 
gu  bheil  iad  mar  an  ceudna  riaghailteach 
toilichte  ged  a  bhitheadh  an  crannchur 
cumhann  ;  agus  tha  e  fior  cuideachd  nach 
ceadaich  iad  an  spioradan  a  phuinnseachadh 
le  eud  agus  fuath  dhaibhsan  aig  am  bheil 
tuilleadh  de  mhaoin  shaoghalta  na  tha  aca 
fein.  Mar  sin,  chan  'eil  Criosduidhean  deas 
gu  bhi  air  an  gluasad  a  dhortadh  fola,  no  a 
chur  an  t-saoghail  bun  os  cionn  air  son  an 
oighreachd  shaoghalta  a  roinn  air  mhodh 
eile,  gun  chinnt  gu  'm  bi  sin  na  's  fearr  n' 
am  modh  a  tha  ann.  Chan  'eil  sin  a'  ciall- 
achadh  gu  bheil  Criosduidhean  suarach  a 
thao»bh  staid  thimeil  dhaoine  ;  ach  tha  e  a' 
ciallachadh  nach  'eil  iad  a'  creidsinn  gu  'n 
oibrich  fearg  dhaoine  fireantachd  Dhe.  Co 
dhiubh,  tha  e  fior  gu  'n  do  chaill  an  Eaglais 
agus  an  Soisgeul  tomhas  de  'n  ghreim  air 
inntinnean  mhoran  a  thainig  for  bhuaidh 
theagasgan  Mharx  agus  dhoighean  nan 
Russianach  ;  agus  gu  'm  bheil  roinn  nach 
beag  dhiubh  ann  an  aineolas  agus  Ian 
amharuis  mu  theagasg  na  h-Eaglais.  Air 
an  aobhar  sin,  tha  e  mar  f hiachaibh '  air  an 
Eaglais  n'  as  urrainn  i  a  dheanamh  a  ruigh- 
eachd an  t-seorsa  so  leis  an  t-Soisgeul,  agus 
leis  na  prionnspalan  a  tha  comh-cheangailte 
ris.  Chan  fhaighear  iad  ach  ainneamh  aig 
an  dachaidhean.  An  diugh,  tha  ministearan 
'g  an  tadhal  aig  an  obair,  le  cead  an  luchd- 
riaghlaidh  ;  agus  tha  e  leamsa  co  dhiubh, 
'n  a  aobhar  ionghnaidh  agus  dochais  nach,  'eil 
aon  de  dha  cheud  gu  leth  (250)  Obair  Mhor 
anns  an  dtithaich  aig  nach  'eil  ministear  dhi 
fhein,  deas  gu  bhi  'n  a  charaid  do  na  h-uile 
agus  comasach  air  ceistean  a  fhreagairt ; 
agus  teachdaireachd  na  firinn  a  liubhairt 
dhaibh  aig  am  freagarrach.  Chan  e  a  h-uile 
ministear  aig  am  bheil  uidheam  air  son  a 
leithid  so  de  sheirbhis — inntinn  gheur' 
ionnsaichte,  fhuasgailteach  ;  spiorad  iriosal, 
foidhidinneach,  aoibhneach,  nach  gabh  oilbh- 
eum  ;  agus  d'  an  aithne  labhairt  ann  an 
canain  a  thuigeas  an  sluagh  ud.  Tha  an 
Eaglais  uile  fo  fhiachan  do  'n  bhuidheann 
mhinistearan  ud,  a  ghabh  os  laimh,  os  cionn 
an  saothair  chumanta,  dol  a  mach  anns  an 
doigh  ur  so,  a  shireadh  nan  caorach  chaillte. 

Eaglaisean  ura 
""'B'  e  an  gnothuch  eile  a  bhuail  orm,  a' 
ghairm'  a  tha  aig  ar  n-Eaglais  dhiithchail  a 
bhi  deas  gu  tighean-aoraidh  agus  tallachan 
anns  an  teagaisgear  an  oigridh  a  shuidh- 
eachadh  anns  na  bailtean  tira  a  dh'  fheumar 
a  thogail  an  aithghearr.  Cho  luath  is  a 
bhitheas  na  tighean  deas  air  son  an  t-sluaigh, 
bithidh  buthan,  sgoilean,  tighean-dhealbh 
agus  tighean-osda  a'  feitheamh  orra.     Agus 


A'  CHRAOBH  CHAORAIN 


bithidh  aitreabhan  Papanach  'n  am  measg 
air  bheagan  dalach.  Co  a  dh'  abras  nach  e 
fior  dhleasdanas  Eaglais  na  h-Alba  a  bhi 
ann  an  teas-meadhoin  gach  baile  o  'n 
toiseach  ;  oir  mur  bi,  caillidh  i  a  cothrom 
cho  maith  ri  a  cliu ;  agus  caillidh  i  an 
sluagh. 

Tha  e  air  a  mheas  gu  'm  feumar  mu  leth 
cheud  eaglais  a  thogail  anns  na  deich 
bliadhna  so  tighinn — air  cosd  muillein  punnd 
Sasunnach.  Suim  mhor,  gun  teagamh  ;  ach 
tha    1,264,000    ball-comanachaidh    anns    an 


Eaglais  ;  agus  nan  tugadh  gach  aon  dhiubh 
da  thastan  anns  a  bhliadhna — n'  as  lugha 
na  pris  bocsa  de  cigarettes — cha  bhitheadh 
dith  airgid  oirnn.  Bithidh  an  gnothuch 
ciidthromach  so  fa  chomhair  gach  Cleir  agus 
gach  Coimhthionail  ;  oir  buinidh  e  do  gach 
ball  beo  de  'n  Eaglais  ;  agus  chan  fhaodar  a 
sheachnadh.  Is  e  an  Dotair  MacIUe  Bhain 
a  tha  an  ceann  na  h-oidhirp  ;  ma  bha  e 
eudmhor  innte  cheana,  tha  e  a  nis  a'  dol 
a  chur  rithe  le  uile  chomas.  Soirbheachadh 
gu  robh  aige ! 


A'  Chraobh  Chaorainn 

Le  Eachann  MacDhughaill 


THA  craobh  bheag  chaorainn  agam  a'  fas 
anns  a'  gharradh  ciil  an  tighe.  Thubhairt 
mi  "  craobh  bheag  "  rithe,  agus  gun  teagamh, 
chan  'eil  i  ach  beag  an  coimeas  ri  iomadh 
craobh  eile  a  tha  r'am  faicinn  mu'n  cuairt, 
ach  is  ann  a'  fas  a  tha  i !  Air  a'  bho'n- 
uiridh  thog  i  toradh  :  thainig  tri  bagaidean 
chaorann  oirre,  agus  an  uiridh  bha  suas  ri 
deich  bagaidean  air  f  hichead  oirre !  Tha  i 
an  nis  fo  bhlath  a  rithist,  agus  an  tiine 
ghoirid  bidh  na  caoran  dearga  a'  toirt 
toileachaidh  do'n  t-suil  a  chi.  Innsidh  mi 
an  nis  dhuibh  eachdraidh  na  craoibhe. 

Is  ann  a  Gaidhealtachd  Bhraid-Albann  a 
thainig  i,  agus  an  uair  a  fhuair  mo  bhana- 
charaid  nach  beo  an  diugh  i  an  toiseach  cha 
robh '  i  ach  gle  bheag,  framhail,  direach 
gasan  fann  is  da  ghoban  duilhch  oirre.  Is 
ann  a  Braid- Albann  a  bha  mo  bhana-charaid  : 
b'e  sin  an  t-aobhar  a  chionn  gu'n  d'thugadh 
chuice  a'  chraobhag,  a  thainig  as  a  taobh- 
diithcha  fein.  Bu  chaomh  leatha-se  ni  sam- 
bith,  duine,  ainmhidh,  eun,  lus  no  eadhon 
an  duslach  a  thigeadh  a  dtithaich  a  graidh. 
Bha  am  meas  so  aice  air  a'  chraoibh  chaorainn  ; 
chuir  i  am  poit  chre  i,  is  creidibh  gu'n  robh  a' 
chraobh  a'  faotainn  an  deagh  aire,  'ga 
h-uisgeachadh  's  'ga  grianadh  aig  an  uinneig. 

Dh'fhas  a'  chraobh  is  dh'fhas  i,  agus  mu 
dheireadh  chinn  i  cho  dosrach,  duilleagach 
's  gu'n  robh  i  ro  mhor  air-son  na  poite  ere  is 
eadhon  air-son  an  tighe.  Thug  i  an  sin 
dhomhsa  a'  chraobh  a  chiim  's  gu'n  cuirinn  i 
anns  a'  gharradh.  Bha  i  fein  an  uair  sin  ag 
eirigh  is  air  chomas  nan  cas  air  feadh  an 
tighe,  ged  nach  robh  i  a'  dol  am  mach  ; 
ach  bha  an  eucail  a  thug  bas  dhi  air  greim 
teann  a  ghabhail  air  a  com.  Mu'n  am  so  an 
uiridh  ghabh  i  ris  an  leabaidh  buileach  ; 
ach  b'  i  sin  leaba  na  faidhidinn,  oir  cha  do 


ghearain  i  a  cor  riamh,  ach  daonnaii  taingeil 
do'n  Fhreasdal  air-son  a  mhaitheis. 

An  uair  a  thainig  a'  chraobh  chaorainn  fo 
throm  thoradh  an  nunn  anns  an  fhoghar 
an  uiridh,  agus  a  bha  na  caoran  aig  an  sar 
bhoidhchead,  thug  mi  gu  taobh  a  leapa  a 
dha  no  a  tri  bhagaidean  dhiubh,  is  iad  cho 
dearg  ris  an  fhuil  fein.  Is  ise,  caomhag,  a 
rinn  an  toileachadh  riu  ;  is  dh'  aithris  i  a 
rithist,  mar  a  rinn  i  iomadh  uair,  cia  as  a 
thainig  a'  chraobh,  a'  cheart  chos  anns  an 
rinn  i  a  ceud  thighinn  beo,  c6  a  thug  chuice 
i  is  cho  maoth  's  a  bha  i  an  uair  a  thainig  i 
do'n  bhaile.  Chaidh  na  bagaidean  chaoran 
fhagail  ri  taobh  a  leapa  far  am  biodh  iad 
daonnan  fo  shealladh  a  sula,  is  bha  iad  an 
sin  fad  's  a  bu  bheo  i. 

Thainig  an  Teachdaire  air  a  toir  mu'n  am 
anns  an  robh  a'  chraobh  chaorainn  a'  briseadh 
am  mach  fo  bhlath  am  bliadhna.  ,Thig  na 
caoran  dearga  oirre  an  uair  a  thig  an  am 
^fein  ;  ach  cha  bhi  ise  romhamsa  an  sud  gu 
am  faicinn  is  fiughair  a  dheanamh  riu, 
ged  a  bheirinn  iad  gu  taobh  na  leapa  air  an  do 
laigh  i  cho  fada.  Ach  tha  fios  agam  an  nis 
ciod  a  ni  mi,  ^ir  a  shon  sin.  Latha  de  na 
laithean,  ach  mise  bhi  beo  is  air  a  chomas, 
an  uair  a  bhios  na  caoran  aig  an  deirgead, 
theid  mise  suas  an  sud  far  a  bheil  ise  'na 
sineadh,  agus  leagaidh  mi  bagaid  dhiubh, 
caoran  na  craoibhe  a  tharruing  a  ceud  snodh- 
ach  a  fonn  Bhraid-Albann  a  graidh,  os  cionn 
a  cridhe.  Agus  ciod  am  fios  ged  nach  faic 
a  suil  chorporra  iad,  nach  faic  an  t-siiil 
spioradail  is  nach  las  i  le  aoibhneas  is  dealas, 
eadhon  mar  a  lasadh  siiil  thlath  a  cinn  an 
uair  a  bha  an  cridhe  caomh  ud  a  bha  'na 
com  beo,  's  a'  froiseadh  na  fala  blath  troimh 
a  ere ! 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  DomhnuU  Caimbeul 
CHAN  'eil  aobhar  broin  ann  an  bas  an  duine 
ghaolaich  so  ach  a  mhain  gu  'm  bi  sinn  'ga 
ionndrainn,  oir  rainig  e  aois  mhaith,  agus  le 
a  shaothair  dhian  agus  fhada  mar  mhinistear 
dileas  anns  an  eaglais  bha  e  abuich  gu  bhi 
a'  sealbhachadh  fois  nan  naomh.  Chan  'eil 
ach  seachduin  no  dha  bho  'n  a  chunnaic  mi 
ann  am  paipear  gu  'n  do  rainig  e  lubilee  a 
mhinistrealachd,  agus  gu  'n  deachaidh  na 
coimhthionalan  anns  an  do  shaothriach  e 
ann  an  co-bhoinn  gu  bhi  a'  toirt  dha  am 
beannachd  agus  an  tiodhlacan ;  Peitidh, 
an  sgir  anns  an  do  rugadh  e,  agus  anns  an 
robh  e  air  a  shuidheachadh  arms  an  eaglais 
Shaoir  an  1895,  Eaglais  Chaluim-Cille,  an 
Grianaig,  far  an  do  shaothraich  e  suas  ri 
deich  bHadhna  fichead,  agus  Coit  Ghartain, 
an  Srath  Speith  far  an  robh  e  naoi  bliadhna. 
Anns  a  h-uile  aite  anns  an  robh  e  riamh 
bha  meas  mor  air,  oir  bha  e  daonnan  coltach 
ri  dhreuchd  agus  diirachdach  'n  a  obair. 

Bha  uidh  aige  ann  an  obair  na  h- eaglais  an 
taobh  a  mach  d'  a  choimhthional  fhein, 
agus  bha  lamh  aige  anns  gach  ni  a  bha  dol 
air  aghaidh  ann  an  Comunn  Gaidhealach 
na  h- eaglais  o  chionn  bhliadhnachan,  ach 
bha  uidh  aige  ann  an  nithean  as  fhearr  na 
riaghladaireachd ;  ami  an  teagasg,  agus 
ann  an  searmonachadh,  agus  ann  an  coin- 
neamhan-urnuigh.  Bha  e  'n  a  shearmonaiche 
spioradail,  aig  an  robh  ealain  shonruichte  air 
labhairt  ri  daoine  mu  Dhia  agus  mu  chtiisean 
an  anmanna  ann  an  doigh  chitiin  nadurra  a 
thairngeadh  an  aire.  Bha  soluimteachd  na 
diadhaidheachd  daonnan  'n  a  shearmon- 
achadh,  agus  eadhon  'n  a  ghuth.  Bhithinn 
toilichte  an  uatr  a  chithinn  e  ag  eirigh  ann 
an  aite  air  bith,  no  aig  am  air  bith,  a  dhean- 
amh  iirnuigh.  Ach  ma  bha  e  air  thoiseach. 
air  a'  mhor-chuid  d'a  bhraithrean  a  thaobh 
spioradalachd  a  theagaisg  bha  e  na  b'  fhaide 
air  thoiseach  orra  mar  aodhair.  Gle  thric 
bithidh  muinntir  coimhthionail  a'  gearan 
nach  'eil  am  ministear  a'  tadhal  orra  cho  trie 
's  a  bu  mhaith  led,  ach  cha  ghabhadh  sin  a 
bhi  air  a  radh  mu  Dhomhnull  Caimbeul,  oir 
bha  e  a'  dol  am  measg  an  t-sluaigh  gun 
sgur. 

Ann  an-  iomadh  doigh  bha  e  fhein  agus  am 
fear  a  bha  roimhe  ann  an  Coit  Ghartain,  an 
t-Ollamh  Donnchadh  Robastan,  eu-coltach 
ri  cheUe,  ach  bha  iad  le  cheile  'n  an  daoine 
ciuin  agus  uasal,  a  bha  air  an  cunntas  am 
measg  nam  ministearan  a  b'  fhearr  a  bha 
riamh  an  Srath  Speith. 


An  t-Urramach  Iain  Mac-a-Phearsain,  M.A. 

Tha  sinn  daonnan  toilichte  an  uair  a  tha 
urram  air  bith  air  a  thoirt  do  mhinistear 
Gaidhealach;  aig  a'  Chrimadh  aig  an  d' 
thug  Oilthigh  Dhim-eideann  D.D.  do  Dhomh- 
null Caskie  bha  Ph.D.  air  a  thoirt  do 
mhinistear  Dheibhidh  air  son  paipeap  a 
sgriobh  e  mu  Ghaidhlig  Uidhist,  agus  na 
curagan  agus  na  caragan  a  tha  innte,  nach 
fhaighear  ann  an  aitean  eUe. 

An  t-Ard  Sheanadh 

Air  duiUeig  eile  tha  cunntas-  air  a  thoirt 
air  obair  an  t-Seanaidh  am  bliadhna  le  aon 
de  na  ministearan  a  bha  ann. 

Is  e  an  sgeul  a  b'  fhearr  a  chuala  mi  as 
an  t-Seanadh  am  bliadhna,  gu  'n  do  chuir- 
eadh  crioch  air  obair  a'  Chommission  a  bha 
air  a  chur  air  chois  aig  toiseach  a'  chogaidh 
"  a  rannsachadh  agus  a  mhineachadh  toil 
no  rim-diomhair  Dhe  anns  an  dearbhadh 
uamhasach  no  anns  a'  bhreitheanas  a  thug 
an  cogadh  oirnn."  Air  uairean  bithidh  an 
Seanadh  a'  deanamh  ann  an  cabhaig,  air 
chomhairle  dhaoine  fiusanach,  iomadh  rud 
as  nach  tig  dad  gu  brath,agus  dh'  fhaodadh 
fhios  a  bhi  aig  a  h-uile  duine  nach  leigeadh 
e  a  leas  dull  a  bhi  aige  gu  'n  cuireadh  Com- 
mission air  bith  solus  ur  air  toil  no  ruintean- 
diomhair  Dhe  nach  'eil  againn  cheana. 

Sin  mar  thachair,  ach  ged  nach  b'  urrainn 
buill  a'  Chommission  an  dleasdanas  a  ghabh 
iad  OS  laimh  a  choimhhonadh,  no  a'  cheist 
ud  fhuasgladh,  thoisich  iad  air  cnothan  eile 
a  chagnadh  gus  nach  robh  ceann  no  crioch 
aig  na  nithean  ris  an  do  ghabh  iad  gnothuch 
ann  am  beatha  agus  obair  na  h-eaglais. 
Theagamh  nach  robh  dad  cearr  ann  an  gin 
de  na  nithean  a  chomhairlich  iad  do  'n 
eaglais  a  dheanamh,  ach  is  e  an  t-aobhar 
sonruichte  gu  bheil  mi  toilichte  gu  'n  do 
chuir  an  Seanadh  crioch  air  saothair  a' 
Chommission,  nach  robh  leigheas  aige  air 
anfhannachd  agus  tinneas  na  h-eaglais  an 
diugh  ach  organization,  ■  an  tuilleadh  or- 
ganization. 

.Chan  e  cion  organization  a  tha  air  Eaglais 
na  h-Alba  an  diugh  ;  ma  tha  feum  anns 
an  acfhuinn  sin  cha  robh  i  riamh  cho  pailt 
no  cho  laidir  's  a  tha  i  an  diugh.  Ach  chan 
ann  anns  an  tuiUeadh  organization  a  gheibh- 
ear  iocshlaint  air  son  leon  na  h-eaglais,  ach 
ann  an  aithreachas  a  bhi  air  a  dheanamh 
leis  a'  mhor-chuid  d'a  luchd-comanachaidh  ; 
aithreachas  a  bheir  air  an  ais  iad  gu  Dia 
agus  gu  ceud-thoiseacha  na  beatha  dhiadh- 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN    LATHA  AN  DIUGH 


aidh.  Chan  ann  le  acfhuinn  agus  inn- 
leachdan  agus  doighean-marsantachd  an 
t-saoghail  a  chuirear  air  chois  rioghachd 
Dhe  air  thalamh.  Mar  is  motha  a  leanas 
an  eaglais  na  fasain  agus  na  doighean  a  rinn 
Lipton  agus  Lever  cho  soirbheachail,  is  ann 
as  luaithe  a  chailleas  i  a  seasamh  agus  a  h- 
ughdarras  am  fianuis  Dhe  agus  am  fianuis 
dhaoine. 

Tha  aon  Chomunn  eile,  no  Committee, 
ann  an  eaglais  na  h-Alba  air  am  bu  mhaith 
leam  crioch  fhaicinn,  ged  tha  fhios  agam  gu 
bheil  moran  de  mo  bhraithrean  an  dtiil  gu 
bheil  e  a'  deanamh  obair  fhiachail,  an 
Comunn  ris  an  abrar  Church  and  Nation. 
Is  e  a  tha  agam  'n  a  aghaidh,  gu  bheil  e 


fiusanach  ;  a'  gabhail  gnothuich  ri  nithean 
nach  buin  dha,  agus  a'  toirt  breith  air 
ceistean  a  bhuineas  do  Riaghaltas  na  duthcha, 
agus  gun  chomas  aige  (1)  a  bhinn  a  chur  an 
ceill,  agus  (2)  gun  fhios  aige  co  dhiubh  a  tha 
a'  bhinn  sin  a  reir  beachdan  na  mor-chuid 
de  bhuill  na  h-eaglais  no  nach  'eil.  Co  i  an 
eaglais  ?  Sin  rud  nach  'eil  furasda  a'  radh 
oir  tha  am  facal  "  eaglais  "  a'  cur  a  cheart 
uiread  amlaidh  ann  an  cinn  dhaoine,  agus 
'n  an  reusonachadh,  's  a  tha  am  facal 
"  coir,"  no  coirichean.  An  uair  a  chluinneas 
tu  duine  a'  bruidhinn  ann  an  ainm  na  h- 
eaglais  cuimhnich  nach  'eil  aige  ach  a 
bheachdan  f  hein,  agus  nach  'eil  e  a'  bruidhinn 
ach  air  a  shon  fhein. 


Creideamhan  Nebnach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.  A.,  an  Govan. 

IV.     SPIORADALACHD  NODHA 

(air  a  leantainn) 


(2)  Air  an  laimh  eile  tha  Spioradalaich 
ann  nach  'eil  idir  ag  aideachadh  a  bhi  'n  an 
Criosduidhean.  Tha  caochladh  sheorsachan 
ann  dhiubh  sin,  ach  tha  a'  mhor-chuid 
dhiubh  a'  steidheachadh  air  seachd  puingean- 
teagaisg  :  (i)  gur  e  Dia  Athair  nan  uile  ; 
(ii)  gu'm  bheil  clann  nan  daoine  uile  'n  am 
braithrean  d'a  cheile ;  (iii)  gu'm  bheil 
beatha  an  duine  a'  marsainn  air  taobh  eile 
a'  bhais  ;  (iv)  gu'm  faod  comhradh  is  co- 
chomunn  a  bhi  againn  ris  na  mairbh  ; 
(v)  gu'm  bheil  gach  aon  cunntachail  air  a 
shon  fhein ;  (vi)  gu'm  bheil  peanas  no 
duals  a'  feitheamh  air  gach  neach  air  taobh 
thall  na  h-uaighe  ;  (vii)  gu'n  teid  aig  na 
mairbh  air  adhartas  spioradail  a'  dheanamh 
anns  an  t-saoghal  spioradail,  's  e  sin  gu'm 
bheil  cothrom  eile  againn  an  deiclh  a'  bhais. 
A  nis,  tha  cuid  de  na  puingean  sin  air  an 
tarruing  bho'n  Chreideamh  Chriosdail,  ach, 
a  dh'aindeoin  sin,  chan'eil  na  Spioradalaich 
so  a'  toirt  clo'n  Tighearna  losa  Criosd  an 
t-aite  a  bhuineas  dha  ;  tha  iad  ag  aicheadh 
a  Dhiadhachd,  ag  aicheadh  eifeachd  na 
Reite,  agus  a'  teagasg  gu'm  feum  gach  neach 
e  fhein  a  shaoradh.  Ach  is  e  an  ni  mor 
air  am  bheil  iad  a'  taiceachaclh,  gu'n  teid 
aig  na  marbh  air  teachdaireachdan  a  chur 
do  ar  n-i9nnsaigh. 

'Ga  chur  am  beagan  bhriathran,  faodaidh 
sinn  a  radh  gu'm  bheil  feadhainn  de  na 
Spioradalaich  ag  amharc  air  Spioradalachd 
mar  ni  a  tha  a'  neartachadh  an  creidimh 
ann  an  Criosd  ;  agus  tha  feadhainn  eile 
dhiubh  a'  cur  an  cuid  Spioradalachd  ann  an 


aite  Chriosd.  Tha  Criosduidhean  agus  Spior- 
adalaich a'  comh-chordadh  gu'm  bheil  beatha 
an  anma  a'  leantainn  an  deidh  a'  bhais  ; 
ach  tha  eadar-dhealachadh  •  mor  eadar 
Spioradalaich  agus  Criosduidhean  air  da 
phuing  : 

{a)  An  doigh  anns  am  bheil  dearbhadh 
againn  air  a'  bheatha*  shiorruidh.  Tha  na 
Spioradalaich  a'  creidsinn  anns  a'  bheatha 
shiorruidh  do  bhrigh,  air  leotha,  gu'm  bheil 
iad  a  'faotainn  eolais  m'a  timchioll  bhuapa- 
san  a  fhuair  bas.  Tha  Criosduidhean  a' 
creidsinn  anns  a'  bheatha  shiorruidh  air 
bunait  geallaidhean  Dhe  agus  air  facal  lom 
an  Tighearna  losa. 

(&)  A'  cheist  co  dhiti  tha  no  nach'eil  na 
mairbh  comasach  air  a  bhi  labhairt  ris  na 
beothaibh  agus  a  bhi  'g  innseadh  dhaibh 
mu'n  t-seorsa  beatha  a  tha  aca  air  taobh 
thall  na  h-uaighe.  Tha  na  Spioradalaich  ag 
radh  gu'm  bheil ;  tha  Chriosduidhean  ann 
a  their  gu'm  bheil  ;  ach  tha  a'  mhor-chuid  de 
Chriosduidhean  ag  radh  nach'eil.  Agus  's 
e  mo  bheachd  fhein,  co  dhiu  tha  no  nach'eil 
e  an  comas  duinn  a  bhi  faotinn  e6las  bho  na 
mairbh,  gu'm  bheil  Dia  'n  a  Fhirinn  'g  a 
thoirmeasg.  "  Chan  fhaighear  'n  'ur  measg 
neach  air  bith  ...  a  ghnathaicheas 
fiosachd  .  <.  .  no  seunadair,  no  neach  a 
dh'fhiosraicheas  de  leannan-sith,  no  druidh, 
no  neach  a  dh'iarras  edlas  o  na  mairbh  " 
(Deut.  xviii.  10-11). 

Leigidh  sinn  ar  n-inntinnean,  ma  ta,  ris 
a'  cheist  so  :  An  gabh  comhradh  a  bhi  eadar 
na  mairbh  agus  na  beothaibh.     So  cuspair 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


air  an  d'rinneadh  moran  rannsachaidh  agus 
m'a  thimchioll  tha  moran  leabhraichean  air 
an  sgriobhadh.  Feumaidh  gach  aon  inntinn 
fhein  a  shoilleireachadh  air  a'  chiiis  agus  a' 
cheist  a  fhreagairt  air  a  shon  fhein.  Air  son 
mo  chuid  fhein  dheth,  tha  ceithir  nithean 
•  ann  a  dh'fhaodas  sinn  a  thoirt  air  aghaidh 
mar  fhreagairt  do  na  Spioradalaich. 

(1)  Chan'eil  comharradh  no  dearbhadh 
cinnteach  ann  idir  gu'm  bheil  e  an  comas  do 
na  mairbh  labhairt  ris  na  beothaibh  amis  an 
doigh  a  tha  na  Spioradalaich  ag  radh. 

(2)  Chan'eil  teagamh  ann  nach'eil  nithean 
iongantach  trie  a'  tachairt  aig  na  coin- 
neamhan  a  bhitheas  na  Spioradalaich  a' 
gleidheadh,  ach  tha  aobharan  eile  ann  air 
son  nan  tachartasan  sin  seach  na  h-aobharan 
a  tha  iad-san  a'  toirt  air  aghaidh.  Cha 
ruigear  a  leas  a  bhi  saoilsinn  gur  e  spioradan 
nam  marbh  a  tha  ag  obair  agus  a'  labhairt 
anns  na  tachartasan  sin. 

(3)  Dhaibh-^an  aig  am  bheil  eolas  air  an 
Tighearna  losa  Criosd  agus  a  tha  a'  cur 
an  doigh  ann,  tha  e  neo-fheumail  a  bhi 
sireadh  ghuthan  bho  thaobh  thall  na  h-uaighe. 
Is  leoir  leinne  facal  lom  Chriosd  mu'n 
bheatha  shiorruidh.  Ged  nach-  d'innis  e 
dhuirm  na  h-uile  nithean,  dh'innis  e  dhuinn 
na  dh'fhoghnas  gu  bhi  toirt  oirnn  lan- 
earbsa  a  chur  ann  air  son  na  tha  romhainn 
agus  roimh  ar  cairdean  air  taobh  thall  a' 
bhais. 

(4)  Tha  e  cunnartach  a  bhi  gabhail 
gnothuich  ris  na  nithean  diomhair  sin  anns 
an  doigh  anns  am  bheil  na  Spioradalaich  a' 
dol  'n  an  car.  Chan'eil  iad  idir  teare  a 
chuireadh  air  mhi-cheill  agus  eadhon  a 
chur  as  dhaibh  fhein  mar  thoradh  air  an 
eagal  agus  an  uamhas  a  thainig  orra  air 
dhaibh  a  bhi  feuchainn  ri  eolas  fhaotainn 
bho  na  mairbh  a  reir  doighean  nan 
Spioradalach. 

Gabhamaid  beachd  a  nise  gu  h-aithghearr 
air  na  .meadhonan  agus  doighean  anns  am 
bheil  na  mairbh  'g  an  deanamh  fhein  aithnichte 
do  na  beothaibh,  a  reir'^  teagasg  nan 
Spioradalach.  So  mar  a  tha  iad  a'  creidsinn. 
Tha  iad  ag  radh  gu'm  bheil  cuid  de  dhaoine 
ann  aig  am  bheil  gibht  no  buaidh  shon- 
raichte  nach'eil  idir  aig  a'  mhor-chuid  de 
dhaoine.  Do  bhrigh  so  tha  an  fheadhainn 
so  na's  mothachail  air  lathaireachd  spioradan 
\nam  marbh  na  tha  daoine  eile.  Theirear 
"  medium  "  (no  "  eadar-mheadhonair  ")  ri 
neach  de'n  t-seorsa  so.  Ma  tha  caraid  agad 
a  fhuair  bas  agus  a  tha  ag  iarraidh  fios  a 


chur  ad  ionnsaigh,  chan  urrainn  dha  am 
fios  sin  a  thoirt  dhuit  e  fhein ;  feumaidh  e 
a  chur  ad  'ionnsaigh  troimh  an  eadar- 
mheadhonair  no  "  medium  "  so.  Chan'eil 
e  gu  deifir  gu  de  seorsa  neaeh  a  tha  anns  a' 
"  mhedium."  Ma  tha  a'  ghibht  iongantach 
so  aige,  is  coma  co  dhiti  's  e  droch  dhuine 
no  duine  math  a  tha  ann.  (Mar  is  trice  's  e 
boirionnaich  a  tha  a'  gabhail  orra  a  bhi  'n 
am  "  mediums.") 

Bithidh  buidheann  de  na  Spioradalaich  a' 
cruinneachadh  ann  an  seomar  a  chumail 
"  Seance "  no  coinneamh.  Air  uairean 
toisichidh  iad  air  a'  choinneamh  le  laoidh 
agus  tirnuigh.  An  sin  suidhidh  na  tha  an 
lathair  'ann  an  cumadh  cearcaill  no  leth- 
chearcaill  timchioll  air  bord  agus  greim  aca 
mar  is  trice  air  lamhan  a  cheile.  Islichear 
no  cuirear  as  na  soluis.  Bithidh  am 
"  Medium "  'n  a  suidhe  ann  an  cathair 
leatha  fhein.  An  ceann  tacain  tuitidh  i  ann 
an  neul,  theid  i  air  chrith,  agus  bithidh  i 
mar  neach  a  chaill  a  mothachadh.  Toisichidh 
i  air  labhairt  le  guth  eile,  guth  eadar- 
dhealaichte  bho'n  ghuth  aice  fhein.  Tha  an 
"  spiorad-riaghlaidh  "  (no,  anns  a'  Bheurla, 
"  control  ")  an  deidh  greim  fhaotainn  air  a' 
"  mhedium,"  agus  tha  e  a'  labhairt  troimpe. 
Toisichidh  an  "  spiorad-riaghlaidh  "  (no 
"  control ")  so  air  innseadh  (tre  bheul  a' 
"  mhedium  ")  gu'm  bheil  spioradan  eile 
comhla  ris.  Their  e  rud-eigin  mar  so  : 
"  Tha  Mairi  an  so,  's  tha  i  air  son  fios  a 
leigeil  do  phiuthar  a  mathar  gu'm  bheil 
i  gu  maith  agus  gu  sona,  agus  nach  coir 
caoidh  a  dheanamh  air  a  son."  "  Tha  balach 
ris  an  abrar  Iain  an  so  ;  tha  e  ag  iarraidh  air 
■athair  am  bata  beag,  air  an  robh  e  deidheil 
mus  do  bhasaich  e,  a  thoirt  d'a  charaid- 
sgoile  Calum."  "  Tha  duine  6g  eireachdail 
an  so,  agus  bha  e  anns  an  fheachd-adhair, 
agus  chaidh  e  air  chall,  's  chan'eil  fhios  aig 
a  pharantan  ciod  a  dh'eirich  dha  ;  innsibh 
dhaibh  gu'm  bheil  e  gu  sona  ann  an  saoghal 
nan  spiorad,  ach  tha  e  'g  an  ionndrainn." 
Agus  mar  sin  air  adhart. 

A  nis,  gle  thric  bithidh  daoine  a  tha  an 
lathair  aig  an  "  seance  "  a'  tighinn  do'n 
chomh-dhiinadh  gur  ann  da  rireabh  bho 
chairdean  a  chaill  iad  a  tha  na  fiosan  sin 
a'  tighinn,  agus  theid  iad  air  ais  agus  air 
ais  gu  coinneamh  an  deidh  coinneimh  gus 
tuilleadh  eolais  fhaotainn  bho  na  mairbh, 
agus,  mar  a  dh'fhaodamaid  a  thuigsinn, 
paighidh  iad  am  "  medium  "  gach  uair  a 
ruigeas  iad  i,  agus  cha  bhi  sin  saor  dhaibh. 


(n  Teantuinn) 


Aireamh  9 


1945 


An  da  luchair 

{Creideamh  agus  mnhlachd) 


IS  sona  an  duine  a  dhearbh  'n  a  fhiosrachadh 
fein  gu  bheil  Facal  an  Tighearn  a'  labhairt 
ris,  a'  labhairt  ri  chridhe  agus  ri  choguis. 
Chan  'eil  am  Biobull  a'  labhairt  ris  na  h-uile, 
oir  feumaidh  daoine  gabhail  ris  an  Fhacal 
m'an  toisich  am  Facal  air  e  fhein  fhosgladh 
dhaibh.  .  Chan  'eil  e  furasd  a  radh  gu  h- 
aithghearr  ciod  a  tha  mi  a'  ciallachadh  le 
bhi  a'  gabhail  ris  an  Fhacal,  ach  ciod  air 
bith  aite,  no  ciod  air  bith  doigh  anns  a  bheil 
Dia  a'  labhairt  ruinn,  tha  e  ag  iarraidh 
creideamh    agus    umhlachd. 

Sin  an  da  iuchair  as  fhearr  a  dh'fhosglas 
dhuinn  na  Sgriobturan,  creideamh  agus  iimh- 
lachd  ;  creideamh  gur  e  Dia  no  Spiorad  Dhe  a 
tha  sinn  a'  cluinntinn  a'  labhairt  annta,  agus 
gur  e  ar  cuid-ne  ai:  cinn  a  chromadh,  a 
dh'  eisdeachd,  agus  a  dheanamh  toil  Dhe. 
"  Labhair,  a  Thighearn,  oir  tha  do  sheirbh- 
iseach  a'   cluinntinn." 

Tha  so  f  lor  gu  sonruichte  a  thaobh  soisgeul 
Eoin ;  is  e  na  diadhairean  a  sheasas  an 
lathair  Eoin  mar  leanaban  as  mo  a  gheibh 
de'n  mhil  agus  de'n  bhainne  a  tha  anns 
an  leabhar  aige.  Bha  inntinn  cho  laidir 
agus  tuigse  cho  geur  aig  Sir  Isaac  Newton  's 
gur  e  a  chuireamaid  air  cheann-toisich  na 
sreatha,  na'n  robh  maithean  an  Eolais  anns 
an  diithaich  so  air  an  tarruing  air  do  bheu- 
laibh,  ach  thubhairt  e  uair-eigin  "  nach  robh 
eolas-san  ach  mar  gu'm  biodh  dileag  bheag 
de'n  fhairge  a  thog  paisde  ann  an  slige- 
chreachainn  an  coimeas  ris  a'  chuan  mhor." 
Bha  an  t-abstol  Eoin  a'  faireachduinn  mar 
sin  an  lathair  Chriosd  ;  "an  uair  a  chunnaic 
mi  e,  thuit  mi  aig  a  chasan  an  riochd  mairbh." 
Sin  agad  na  daoine  ris  an  labhair  Dia,  na 
daoine  air  an  cuir  Fhacal  crith,  agus  a 
thuiteas  'a  a  lathair  an  riochd  mairbh. 
Agus  sin  agad  na  daoine  as  fhiach  dhuit-sa 
agus  dhomh-sa  eisdeachd  riu. 

Do  na  leanaban 

An  uair  a  bha  mi  anns  an  sgoil  Shabaid  b' 
ann  a  soisgeul  Eoin  a  fhuair  mi  mo  cheud 
leasan,  a  chionn  gu  robh  am  foirbheach  a 
bha  'g  am  theagasg  an  diiil  gur  e  soisgeul 
Eoin  a'  chuid  de  'n  Fhirinn  as  fhasa  a 
thuigsinn.  Tha  moran  dhaoine  de  'n  bheachd 
sin  fhathast  ;  na'n  iarradh  tu  orra  earrann 
de'n  BhiobuU  a  thoirt  dhuit  anns  a  bheil 


an  soisgeul  air  a  chur  gu  simplidh,  theagamh 
gu'n  toireadh  iad  dhuit  an  earrann  so  a 
leabhar  Eoin, — "  Is  ann  mar  sin  a  ghradhaich 
Dia  an  saoghal,  gu'n  d'thug  e  aon-ghin  Mhic 
fein,  chum  agus  ge  b'e  neach  a  chreideas 
ann,  nach  sgriosar  e,ach  gu'm  bi  a'  bheatha 
shiorruidh    aige." 

Ann  an  aon  seagh  tha  na  briathran  sin 
simplidh, ach  a'  cheart  mhionaid  a  thoisicheas 
tu  air  smuaineachadh  umpa  chi  thu  nach 
grunnaich  t'  inntinn  anns  na  ceistean  a  tha 
iad  a'  togail. 

An  saoghal !    Ciod  e  an  saoghal  a  ghradhaich 

Dia? 
Aon-ghin  Mhic  !    Ciod  an  seagh  anns  an  robh 

am  Mac  air  a  ghineamhuin  ?     Agus  ciod 

am  mughadh  a  tha  eadar  Mac  ginte  agus 

mic  eile  Dhe  ? 
Ciod  is  ciall  do  bhi  creidsinn  ann  am  Mac 

Dhe  ?     Co  nach  'eil  a'  creidsinn  ann  ? 
Ciod  is  ciall  do'n  fhacal  sgrios  ? 
Ciod  is  ciall  do'n  fhacal  "a'  bheatha  mhair- 

eannach." 
A   bheil   anam   an   duine   neo-bhasmhor    'n 

a  nadur  agus  'n  a  ghne  fein  ? 
No  a  bheil  e  cho  basmhor  ris  a'  chorp  gus 

an  dean  a'  bheatha  shiorruidh  a  tha  ann 

an  Criosd  neo-bhasmhor  e  ? 
Ciod  i  a'  bheatha  shiorruidh  ?     Beatha  gun 

chrioch  ?    No  an  seorsa  beatha  a  tha  ann 

an  Dia  ? 

Chi  thu  bhuaith  so,  ma  ta,  nach  'eil  e 
ceart  a  bhi  saoilsinn  gur  e  leabhar  simplidh 
a  tha  ann  an  soisgeul  Eoin.  Tha  e  simplidh 
gu  leor  'n  a  chainnt,  ach  'na  smuaintean 
tha  e  cho  ard  ris  na  neamhan  agus  cho 
domhain  ris  a'  chuan.  So  na  facail  as  trice 
a  thachras  ort  ann  ;  facail  a  tha  cho  simplidh 
's  gu'n  teid  aig  a'  chloinn  air  an  litreachadh  ; 
Athair,  Mac,  Spiorad,  Naomh,  gradh, 
aoibhneas,  sith,  peacadh,  fuath,  saoghal, 
slighe,  firinn,  beatha,  toradh,  gldir,  aithne, 
fan,  fireantachd,  brsitheanas,  oibre,  creidsiyin, 
solus,  dorus,  caoraich,  briathran. 

Ach  ged  theid  aig  a'  chloinn  air  na  facail 
sin  a  litreachadh  chan  urrainn  na  diadhairean 
a  radh  gu  bheil  iad  uile  gu  leir  'g  an  tuigsinn  ; 
chan  eil  iad  cinnteach  ciod  a  bha  Eoin  a' 
ciallachadh  le  gldir  Chriosd.  Tha  na  facail 
creideamh  agus  a'  creidsinn  air  an  uisneachadh 


MU  SHEARMONACHADH 


anns  an  Tiomnadh  Nuadh  ann  an  coig  ceud 
aite.  An  ionghnadh  ged  a  thubhairt  am 
fear  a  sgriobh  an  Litir  chum  nan  Eabhruidh- 
each  ?,  "as  eugmahis  creidimh  chan  'eil 
e  'n  comas  Dia  a  thoileachadh." 

Cumhachd  an  Fhacail 

Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  feumaile 
do  dhuine  aig  a  bheil  iarraidh  air  Dia  a  bhi 
'n  a  smuaintean  uile  na  Facal  an  Tighearn 
a  bhi  air  a  mheomhair.  Is  ann  le  Fhacal 
a  tha  Dia  a'  labhairt  ruinn,  agus  a'  deanamh 
gnothuich  ri  ar  n-anam,  ach  mur  bheil  sinn 
a'  cluinntinn  no  a'  leughadh  an  FhacaU  sin 
o  cheann  gu  ceann  de  'n  t-seachduin  cia  mar 
is  urrainn  obair  spioradail  air  bith  a  bhi  dol  air 
aghaidh  annainn  ?  Chan  oibrich  Spiorad  Dhe 
ann  an  inntinn  a  tha  falamli ;  sin  an  t-aobhar 
gu  bheil  an  diadhaidheachd  a'  seargadh 
an  diugh,  gu  bheil  cho  beag  de  litir  an  Fhacail 
ann  an  cridheachan  dhaoine  's  nach  'eil  an 
Spiorad  Naomh  a'  faotainn  cothrom  air  an 
fhu-inn  a  tha  ann  an  Criosd  a  nochdadh 
dhaibh.  Ma  dh'  fhaodas  mi  m'  fhiosrachadh 
fhein  innseadh,  abraidh  mi  gu  bheil  so  cho 
fior  's  a  tha  e  gu  bheil  am  peann  'n  am 
laimh,  gu'n  d'  fhairtlich  e  orni  riamh  beachd- 
smuaineachadh  buannachdail  a  dheanamh 
mu  Dhia  no  mu'n  bheatha  shiorruidh  ach 
tre  Fhacal  feiri;  gun  Fhacal  ann  am  inntinn 
I  cha  robh  ann  an  oidhirp  air  bith  de  'n  t- 


seorsa  so  a  bhithinn  a'  deanamh  ach  ruagadh 
na  gaoithe.  Rud  eile  a  dh'  ionnsaich  mi 
ann  an  obair  na  ministrealachd,  gu  bheil 
e  cha  mhor  eu-comasach  dhuit  comhfhur- 
tachd  a  thoirt  do  dhaoine  no  do  theagh- 
laichean  a  tha  aineolach  air  Facal  an  Tigh- 
earna.  Bho  chionn  fichead  bliadhna  chan 
'eil  dleasdanas  a  bhuineas  do  mo  dhreuchd 
as  mo  a  chuireas.  a  dh'  eagal  orm  na  dol  do 
thigh  a'  bhroin  far  a  bheil  fhios  agam  gle 
mhaith  nach  'eil  Facal  Dhe  air  a  leughadh 
no  air  a  chreidsinn  ach  anns  an  doigh  a  tha 
iad  a'  creidsinn  ann  an  sithichean. 

Mur  bheil  daoine  a'  creidsinn  gu'n  eirich  na 
mairbh  a  ris,  no  gu  bheil  uile  iighdarras  Dhe 
air  chill  an  fhacail  so,  "  Ann  an  tigh  m'aihar- 
sa  tha  iomadh  aite-cdmhnuidh  ;  mur  bitheadh 
e  mar  sin,  dh'  innsinn-sa  dhuibh.  Tha 
mi  dol  a  dh'  uUachadh  aite  dhuibh,"  ciod  am 
feum  a  bhiodh  ann  dhuit  dad  eile  a  radh 
riu  ? 

Ged  nach  deanadh  Eoin  obair  air  bith 
eile  ach  gu'n  do  chiim  e  air  chuimhne  na 
briathran  so  agus  briathran  eile  a  labhair 
Criosd,  b'  airidh  e  air  gaol  a  bhi  air  ainm 
gu  brath.  Am  facal  so  gu  sonruichte, 
"  Ma's  aill  le  neach  air  bith  a  thoil-san  a 
dheanamh,  bithidh  fios  aige  mu'n  teagasg,  an 
ann  o  Dhia  a  tha  e.  Sin  aon  de  na  h-iuch- 
raichean  a  dh'  fhosglas  an  dorus  dhuit  gu 
eolas  air  Dia  agus  air  nithean  spioradail. 


Mu  shearmonachadh 


AN  cual  thu  riamh,  a  leughadair,  ciod  a 
thuirt  am  balach  beag  ris  a'  mhinistear  a 
dh'  fharraid  dheth  car  son  a  bha  an  salmad- 
air  cho  gaolach  air  a  bhi  'n  a  dhorsair  ann 
an  tigh  Dhe  ?  Bha,  ars  esan,  a  chionn  gu'm 
faodadh  e  dol  a  mach  an  uair  a  thoisicheadh 
an  searmon. 

Tha  an  searmon  air  uairean  'na  sgiths 
do'n  fheoil,  do  dhaoine  mora  cho  maith  ri 
daoine  beaga,  ach  air  a  shon  sin  chan  ann 
'g  a  chur  sios  ach  'ga  chur  suas  a  tha  mise 
an  drasd.  Tha  seorsa  dhaoine  ann  agus 
is  e  an  t-aon  leigheas  a  tha  aca  air  creuchdan 
na  h-eaglais  agus  an  t-saoghail,  searmoin 
a  bhi  air  an  giorrachadh,  agus  air  an  deanamh 
iollagach  agus  aotrum.  Ach  freagraidh 
searmoin  chutach  -air  cinn  aotrum  ;  mur 
bheil  rioghachd  Dhe  a'  soirbheachadh  ann 
an  Albainn  an  diugh  chan  e  fad  no  cudthrom 
nan  searmon  is  cou-each. 

An  drasd  's  a  rithist  tha  Dia  ag  ath- 
bheothachadh  oibre  am  measg  nam  bliadh- 
nachan,  agus  a  h-uile  uair  a  thachras  sin 
tha  an  t-ath-bheothachadh  a'  toiseachadh 
le  searmonachadh  neach  air  choir-eigin  anns 


a  bheil  cumhachd  na  diadhaidheachd ; 
Ehah,  no  Amos,  no  Eoin  a  Bhaistidh,  no 
Pol,  no  Wesley,  no  Moody.  Tha  searmon- 
achadh agus  beatha  spioradail  na  h-eaglais 
ag  eirigh  no  a'  tuiteam  comhla  ;  an  uair 
nach  'eil  bias  no  beatha  anns  an  t-searmon- 
achadh  tha  bliadhnachan  na  caoile  air 
teachd,  is  tha  marbhantachd  a'  bhais  a' 
tuiteam  air  an  eaglais. 

Tha  mi  an  dull  gur  h-e  am  a  bu  duirche 
ann  an  eachdraidh  na  h-eaglais  bho  'n 
ochdamh  linn  guam  an  Ath-leasachaidh, 
na  linntean  anns  nach  robh  guth  an  t- 
searmonaiche  ri  chluinntinn  ;  no  ma  bha, 
cha  robh  arm  ach  mar  gu'm  biodh  ciombal 
a'  gliongarsaich.  Bha  am  pobull  dall  anns 
na  laithean  ud  ;  agus  an  uair  a  tha  am 
pobull  dall  ni  an  gUle  cam  miaistear.  Leig 
na  sagartan  dhiubh  a  bhi  searmonachadh  ; 
a  dh  innseadh  na  firinn  bha  gu  leoir  dhiubh 
cho  aineolach  's  nach  b  urrainn  dhaibh 
searmon  a  dheanamh.  Cha  b'  fhearr  na 
sin  teagasg  na  feadhnach  a  bha  a'  feuchainn 
ri  iimhlachd  a  thoirt  do  riaghailt  na  h- 
eaglais  le  bhi  a'  searmonachadh.     Ciod  air 


MU  SHEARMONACHADH 


bith  an  ceann-teagaisg  a  ghabhadh.  iad 
thigeadh  iad  air  an  ais  gus  an  t-seann  ni, 
naidheachdan  faoine  mu'n  naomh  ud  no 
mu'n  naomh  ud  eile  ;  tomhseachain  a 
bhiodh  e  a'  cur,  dubh-fhacail  a  bhiodh  e  ag 
radh,  miorbhuilean  a  rinn  e,  comhragan  a 
bha  aige  ris  an  diabhol,  sgeulachdan  mu'n 
eifeachd  a  bha  'na  chnamhan,  no  'na 
urnuighean  leis  an  d'  thug  e  mile  no  theagamh 
deich  mile  duine  a  mach  a  purgatair.  Sin 
an  trea^thlaich  a  bhiodh  iad  a'  toirt  do  dhaoine 
an  kite  facal  an  Tighearna.  An  uair  a 
dh'  fheuchadh  iad  ris  a  Bhiobull  a  mhineach- 
adh  bha  iad  a'  cunntas  gur  h-e  am  fear- 
mineachaidh  a  b'  fhearr  am  fear  a  bu  mhotha 
a  bheireadh  as  de  nithean  nach  robh  ann 
idir,  am  fear  a  dhearbhadh  gu  robh  an  rann 
a  bha  e  a'  mineachadh  a'  ciallachadh  fichead 
rud  a  bha  eu-coltach  ri  cheile,  sin  am  fear 
a  bha  air  a  mheas  cumhachdach  arms  na 
sgriobturan.  Ciod  a  bha  ann  an  sin  uile 
ach  an  daor  pheasanachd  ;  ohan  e  searmon- 
achadh  de  'n  t-seorsa  sin  a  bheathaicheas 
an  t-anam,  no  ni  daoine  coimhlionta  ann 
an  eolas  na  fiiinn. 

Aile  beatha 

Ach  aig  am  an  Ath-leasachaidh  dh'  eirich 
searmonacbadh  an  Fhacail  as  an  t-slochd 
arms  an  do  thuit  e.  B'e  an  t-aobhar  air 
sin  gu  robh  na  Sgriobturan  air  an  ardachadh 
as  ur  mar  an  aon  riaghailt  a  thug  Dia 
dhuinn  'g  ar  seoladh  cionnus  a  ghloraich- 
eamaid  e.  Chan  e  mhain  gu  robh  am  Biobull 
air  a  thoirt  air  ais  do  na  ciibaidean,  ach  bha 
e  air  eadar-theangachadh  agus  air  a  chur 
ann  an  lamhan  an  t-sluaigh  'n  an  cainnt 
fhein.  Agus  mar  is  fhearr  is  aithne  do  'n 
t-sluagh  am  Biobull  is  ann  is  motha  cumh- 
achd  an  Fhacail  anns  a'  chubaid.  Ctim 
thusa,  a  leughadair,  do  shiiilean  fosgailte 
agus  chi  thu  gu  bheil  so  f  ior  ;  mar  is  lugha 
a  tha  de'n  Bhiobull  ann  an  inntinnean 
coimhthionail  is  ann  is  duiliche  a  tha  e  an 
cridheachan  a  ghluasad.  Rud  eile  a  chuir 
beatha  ann  an  searmonacbadh  nan  daoine 
a  rinn  an  t-Athleasachadh,  gu  robh  fiosrach- 
adh  pearsonta  aca  air  na  nithean  a  bha 
iad  a'  searmonacbadh  ;  bha  iad  fein  air  an 
teasgasg  leis  an  Spiorad  Naomh  m'  an  do 
thoisich  iad  air  teagasg  an  t-sluaigh. 

Cha  b'  ionghnadh  ged  dh'  eisd  a'  mhor- 
chuideachd  ri  Luther  le  tlachd,  oir  bha  a 
theachdaireachd  mar  aileadh  beatha  do 
shaoghal  marbh.  Ghairm  e  air  an  t-sluagh 
na  slabhraidhean  leis  an  robh  iad  air  an 
ceangal  le  saobh-clu-abhadh  a  thilgeadh 
dhiubh,  agus  seasamh  anns  an  t-solus  agus 
ann  an  saorsa  ghlormhor  cloinne  Dhe.  Bha 
gach  t^lant  aig  Luther  a  tha  dhith  air  sear- 


monaiche  niaith,  fiosrachadh  pearsonta  'n 
a  anam  fein  air  an  t-saorsa  agus  air  an  t- 
sonas .  a  tha  ann  an  Criosd,  eolas  farsuing 
is  cainnt  shimplidh,  bodhig  laidir  is  eud  an 
t-soisgeulaiche.  Bha  Zwingli  na  b'  fhileanta 
agus  na  bu  mhilse  'n  a  chainnt  na  bha 
Luther  ;  bha  Calvin  'n  a  sgoilear  a  b'  fhearr 
agus  'n  a  fhear-mineachadh  a  b'  fhearr  air 
a'  Bhiobull,  ach  ghluaiseadh  Luther  coinn- 
eamh  mhor  is  cridheachan  dhaoine  mar 
nach  b'  urrainn  do  'n  dithis  eile  a  dheanamh. 
Dh'  fhaodadh  tu  a  radh  uime  mar  a  thuu-t 
an  Sasunnach  mu  Iain  Noes'  ri  bam-igh 
Ealasaid,  "  gu'n  cuireadh  guth  an  duine  ud 
ann  an  uair  an  uaireadair  barrachd  beatha 
ann  an  daoine  na  ged  bhiodh  coig  ceud 
tronipaid  a'  seideadli  'n  an  cluasan." 

Firinnean  mora 

Bha  aon  fhasan  aig  Luther  is  ro  thoigh 
leam' ;  an  uair  a  bhiodh  e  dol  a  shearmonach- 
adh  thaghadh  e  niar  chinn-teagaisg  firinnean 
mora  an  t-soisgeil,  rannan  a  bheireadh 
beatha  d'a  luchd-eisdeachd  ged  nach  abradh 
e  dad  umpa  idir,  ach  an  leughadh  'n  an 
eisdeachd.  Coma  leam  na  daoine  a  bhios 
a'  gabhail  cinn-theagaisg  neonach,  no  cinn- 
theagaisg  bheaga  shuarrach,  agus  a  dh' 
fheuchas  ri  rud  a  thoirt  asda  nach  'eU  annta 
idir,  mar  gu'm  faiceadh  tu  fear-cluiche  a' 
toirt  uibhean  is  seilcheagan  as  a  phoca, 
no  srol  fada  ribinnean  no  cainbe  as  a  chorp. 
An  uair  a  sheallas  mi  air  na  paipearan- 
naidheachd  Di-sathuirne  agus  a  chi  mi  ciod 
a  tha  maithean  na  h-eaglais  aims  na  bailtean 
mora  a'  dol  a  shearmonachadh  air  am 
maireach,  bidh  gu  trie  fearg  agus  naire  orm 
a  bhi  faicinn  gu  bheil  uiread  dhiubh  a'  cur 
seachad  uine  anns  a'  chiibaid  air  seamsan 
is  baothaireachd  gun  fhiu  ;  a'  labhairt  mu 
bhau'd  agus  mu  bhuidsichean  an  aite  a  bhi 
labhairt  mu  Phol  agus  mu  Chriosd ;  a' 
cur  giogailteach  ann  an  inntinnean  dhaoine 
an  aite  a  bhi  beathachadh  an  anamanna  agus 
'g  an  daingeachadh  anns  a'  chreideamh. 

Tha  e  aii-  a  radh  gu  bheil  eagal  air  minis- 
tearan  oga  an  diugh  an  gniiis  a  shuidheachadh 
air  na  cinn-theagaisg  mhor  is  bhrioghmhor 
air  am  biodh  na  h-aithrichean  a'  searmonacb- 
adh, na  sgriobturan  sin  a  tha  buntainn  ri 
nadur  is  ruintean  Dhe,  anam  an  duine, 
tuiteam  an  anama  tre  pheacadh,  Criosd  is 
crann-ceusaidh  Chriosd,  siorruidheachd  is 
breitheanas.  Chan  'eil  m'  fhiosrachadh 
fein  mor  no  farsuing,  ach  cho  fad  agus  a  tha 
m'  fhiosrachadh  a'  dol,  feumaidh  mi  a  radh 
gvi'n  cuala  mi  barrachd  de  sheana  mhinis- 
tearan  a'  peasanachd  ris  an  Fhirinn  air  an 
doigh  so  na  chuala  mi  riamh  de  mhinistearan 
oga.    Rud  gle  neonach,  is  ann  ann  an  Eaglais 


ELIAH  :    DUINE  LE  DIA 


Ard  Dhun  eideann  a  chuala  mi  na  tri  sear- 
moin  a  bu  mhiosa  a  chuala  mi  riamh,  sear- 
moin  gun  seagh,  agus  sin  air  an  toirt  seachad 
le  pearsachan-eaglais  a  bha  'n  an  suidhe 
ann  an  caithrichean  arda. 

Na  cinn-theagaisg 

Leugh  fear  dhiubh  na  briathran  maiseach 
ud  anns  an  litir  a  chum  nan  Eabhruidheach, 
"  Tha  sibh  air  teachd  gu  sliabh  Shioin,  agus 
gu  caithir  an  De  bheo,  an  Jerusalem  neamh- 
aidh  agus  cuideachd  do-aireamh  de  ainglean, 
gu  lan-choimhthional  agus  eaglais  nan  ceud- 
ghin,  a  tha  sgriobhta  anns  na  neamhan, 
agus  gu  Dia  breitheamh  nan  uile,  agus  gu 
spioradan  nam  firean  air  an  deanamh 
foirfe,"  ach  an  aite  cumail  ri  facal  Dhe, 
ghearr  e  as  a'  chuid  a  bha  freagairt  air  fein 
(ged  nach  robh  e  freagarrach  idir  na'n  robh' 
smod  tiiir  ann)  is  ghlaodh  e  gu'm  b'e  an 
ceann-teagaisg    air    an    searmonaicheadh    e, 

"  Ye  are  come  to  the  General  Assembly." 

Sin  agad  an  rud  ris  an  abair  mise  umpaidh- 
eachd  spioradail,  cladhaireachd  nach  b' 
urrainn  eadhon  umpaidh  a  dheanamh  na'n 
robh  e  a'  searmonachadh  ann  an  Gaidhlig. 

Ghabh  fear  eile  dhiubh  mar  cheann- 
teagaisg  na  briathran  ud  ann  an  Gniomharan 
nan  Abstol,  "  Agus  bha  gairdeachas  mor 
anns  a'  bhaUe  sin  "  (gairdeachas  ann  am 
baile  Shamaria  gu'n  d'  fhuair  iad  an  soisgeul), 


ach  ann  an  da  mhionaid  bha  e  air  falbh  gu 
seanchas  eile  mu  thuarasdal  mhinistearan 
anns  na  sgireachdan  beaga,  agus  cha  d'  fhag 
e  sin  gus  an  do  sguir  e. 

B'e  an  ceann-teagaisg  a  ghabh  an  treasa 
fear  de  na  h-aithrichean  na  briathran  so 
ann  an  leabhar  nan  salm,  "  Cuairtichibh 
Sion  agus  rachaibh  m'a  timchioU  ;  airmhibh 
a  ttiir,  thugaibh  an  aire  d'a  balla  laidir  "  ; 
leis  an  ath  anail  thuirt  e  nach  robh  teagamh 
air  bith  nach  b'e  Creud  nan  Abstol  balla 
laidir  Shioin,  ^agus  an  sin  mhinich  e  dhuinn 
gu  mionaideach  gach  puing  anns  a'  chreud 
sin,  gun  an  corr  iomraidh  a  dheanamh  air 
an  t-salm  no  air  na  nithean  a  bha  an  Salma- 
dair  a'  ciallachadh. 

Cha  bu  choir  do  shearmonaiche  air  bith,  6g 
no  sean,  eagal  a  bhi  air  labhairt  r'a  choimh- 
thional  mu  na  cinn-theagaisg  mhora  anns  a 
bheil  firinnean  soluimte  an  t-soisgeil  air  an 
tasgadh,  oir  is  e  na  firinnean  sin  iad  fein  a 
dhrtiidheas  air-  cridheachan  dhaoine  agus 
chan  e  an  doigh  anns  a  bheil  iad  air  an  laimh- 
seachadh.  B'  fhearr  learn  ceann-teagaisg 
brioghmhor  soisgeulach  a  laimhseachadh 
gu  h-anfhann  seach  ceann-teagaisg  gun  siigh 
gun  soisgeul  a  laimhseachadh  gu  h-ealanta. 
Air  cho  ealanta  no  fileanta  's  'g  an  laimhsich 
duine  cuspair  beag  is  suarrach  anns  a'  chilbaid 
chan  'eil  ann  ach  peasanachd  is  ruagadh  na 
gaoithe. 


Eliah;  duine  le  Dia 

Carbad  Israeli  agus  a  mharc-shluagh. — II  High  ii.  12. 


AN  uair  a  dh'  innis  aingeal  an  Tighearna 
do  Shacharias  gu  'm  beirteadh  mac  dha  air 
an  toireadh  e  Eoin  mar  ainm,  thubhairt  e 
ris  mar  an  ceudna — "  Bithidh  e  mor  ann  an 
lathair  an  Tighearna,  agus  theid  e  roimhe 
ann  an  spiorad  agus  ann  an  cumhachd  Eliah." 
Thuig  an  seann  sagart  gu  maith  ciod  bu 
chiall  do  'n  fhacal,  agus  rinn  a  chridhe 
gairdeachas  a  chionn  gu  'n  robh  Dia  a'  dol 
a  thogail  suas  as  a  theaghlach-san,  faidh  a 
bhiodh  airidh  air  ainmeachadh  leis  'an  aon 
anail  ri  Eliah. 

Bha  aite  aig  Eliah  ann  an  cridhe  nan 
ludhach  nach  robh  aig  neach  eile  riamh  ; 
bha  e  dhaibh  mar  tha  Iain  Knox  do  shluagh 
na  h-Alba.  Bha  eachdraidh  a  bheatha  air 
a  cumail  air  chuimhne  gu  curamach  ann  am 
beul-aithris  an  t-sluaigh.  Tha  aon  de  na 
baird  ag  innseadh  ciamar  a  bhiodh  sluagh  na 
Gaidhealtach  a'  cur  seachad  na  h-oidhche 
gheamhraidh,  ri  linn  'oige. 

Bhiodh  gach  seanair  aosmhor  liath, 
'G  innseadh  sgialachdan  gun  gbo, 
Air  gach  gaisgeach,  fearail,  greannmhor, 
Bha  's  a'  ghleann  'n  uair  bha  iad  6g. 


Bhiodh  seanairean  nan  ludhach  a'  deanamh 
an  ni  ceudna.  Bha  iad  gaolach  air  each- 
draidh an  dtithcha,  agus  bhiodh  iad  a'  cur 
smuais  anns  an  oigridh  le  sgeulachdan  air 
treubhantas  nan  laoch  a  bha  treun  ann  an 
cath,  agus  a  chuir  air  theicheadh  armailtean 
nan  coimheach.  Cha  robh  aon  de  na 
sgeulachdan  sin  a  bha  cho  taitneach  le  sean 
is  6g  ris  na  sgeulachdan  a  bhiodhteadh  ag 
aithris  mu  Eliah.  Bheireadh  iad  air  am 
fuil  fas  teth,  mar  a  bheir  euchdan  Bhruce 
air  fuil  Albannaich  fas  blath.  Mar  a  b' 
fhaide  bhuapa  bha  Eliah  a'  dol,  is  ann  a  b' 
airde  bha  a  chliu  ag  eirigh,  gus  mu  dheireadh 
an  robh  e  am  measg  nam  faidhean  eUe  mar 
tha  Beinn  Nibheis  am  measg  nam  beann. 

Ri  linn  an  fhaidh  Malachi,  bha  fiughair 
aca  gu  'n  tigeadh  e  air  ais  anns  an  fheoil 
agus  an  uair  a  chualas  iomradh  air  na 
miorbhuilean  a  bha  Criosd  a'  deanamh  ann 
an  Galile,  bha  cuid  am  beachd  gur  h-e  Eliah 
a  bha  air  teachd  air  ais.  Bha  e  air  a  mhon- 
mhur  am  measg  an  t-sluaigh  gu  'n  d'  61  e 
uisge  na  beatha  agus  nach  laigheadh  aois 
air  ;  agus  gu  'n  cuireadh  Dia  'g  an  ionnsuidh 


ELIAH  ;    DUINE  LE  DIA 


e  an  uair  a  bhiodh  cor  na  duthcha  cho  iosal 
's  nach  b'  urrainn  dhaibh  fein  cixisean  a 
leasachadh. 

Thubhairt  feadhainn  de  dheisciobuil 
Chriosd  gu  'm  faca  iad  Eliah  maille  ris  air 
beinn  a'  chruth-atharrachaidh,  agiis  shaoil 
cuid  de  na  bha  'n  an  seasamh  aig  a'  chrann- 
cheusaidh  gur  h-ann  air  a  bha  Criosd  a' 
gairm,  an  iiair  a  ghlaodh  e — Eli,  Eli,  lama 
sabachihani. 

Eadar-dha-shaoghal 

Tha  so  uile  a'  leigeil  fhaicinn  dhuinn  an 
greim  laidir  a  rinn  beatha  is  euchdan  an 
fhaidh  air  inntinn  nan  ludhach.  Bha 
rudeigin  anns  an  duine  nach  robh  a  thaobh 
an  t-saoghail  so.  Gha  robh  fios  aca  cia  as  a 
thainig  e,  no  c'  aite  an  deachaidh  e  ;  bha  a 
bhreith  cho  diomhaireach  ri  bhas.  Bha  e 
dhaibh  mar  Mhelchisedec  ;  gun  athair,  gun 
mhathair,  gun  sinnsearachd,  gun  toiseach 
laithean  no  deireadh  beatha.  Cha  b'  aithne 
dhaibh  e  ann  an  laithean  oige,  oir  cha  d' 
thainig  e  am  follais  gus  an  robh  e  ann  an 
lanachd  a  neirt.  Cha  robh  e  coltach  ri 
daoine  eUe  'n  a  phearsa  no  'n  a  ghiillan. 
B'  e  'aodach,  falluinn  mholach  is  crios 
leathair,  agus  b'  e  ionad-comhnuidh,  uaimhean 
nam  beann.  Bha  nadur  a'  mhanaich  ann, 
agus  bu  choma  leis  seanchas  dhaoine  no 
gleadhraich  nam  bailtean.  Ann  an  uaigneas 
an  fhasaich  bha  co-sheanchas  aige  ri  anam 
fein  agus  ri  Dia.  Cha  nochdadh.  se  e  fein 
am  measg  dhaoine  gus  am  biodh  facal  an 
Tighearna  mar  theine  loisgeach  'n  a 
chnamhan,  ach  an  sin  thigeadh  e  orra  gun 
rabhadh  mar  thuil.  Cha  bu  luaithe  a  liubh- 
radh  e  a  theachdaireachd  na  rachadh  e  as 
an  t-sealladh,  agus  bha  amharus  aig  moran 
de  'n  t-sluagh  gu  'n  robh  Dia  'g  a  ghiulan 
o  aite  gu  aite  air  sgiathaibh  na  gaoithe. 
Chitheadh  iad  e  far  nach  robh  fiughair  aca 
ris,  an  drasd  bhiodh  e  aig  sruth  Cherit,  a 
ris  ann  an  coilltean  Charmeil ;  aon  uair 
chluinnteadh  gu  'n  robh  e  air  beinn  Horeib, 
ach  m'  an  gann  a  b'  urrainn  e  an  t-astar  a 
shiubhal,  chluinnteadh  gu  'n  robh  e  aig 
cladach  Shidoin ;  o  bheinn  gu  beinn,  o 
bhaile  gu  baile,  o  ghleann  gu  gleann,  shiubh- 
adh  e  le  luathas  neo-nadurra,  air  chor  agus 
nach  'eil  iongantas  air  bith  ann  gu  'n  do 
shaoil  daoine  gu  'n  robh  cumhachd  neo- 
thalmhaidh  aige. 

A  theisteanas  an  clar  'aodainn 

Cha  ruigear  a  leas  moran  iomraidh  a  thoirt 
air  an  obair  a  rum  an  duine  naomh  so  air 
son  a  dhuthcha.  Tha  an.  obair  sin  sgriobhta 
ann  an  eachdraidh  Israeli,  agus  ghiiilain  i 
toradh   fad  iomadh  linn.     Chuir   a   choltas 


agus  a  chainnt  iongantas  air  an  t-sluagh 
an  toiseach  agus  cha  robh  fios  aca  co 
dhiubh  a  theireadh  iad  faidh  na  amadan 
ris,  ach  mar  bha  na  bliadhnachan  a'  dol 
seachad,  agus  a  bha  iad  a'  faicinn  gu  'n 
robh  briathran  Eliah  air  an  seulachadh  le 
miorbhuilean,  thuig  iad  gu  'm  bu  teachdair 
o  Dhia  e,  da-rireadh.  Cha  robh  feuni  aige 
air  teisteanas  o  dhuine  bed,  oir  bha  a  theist- 
eanas an  clar  'aodainn,  agus  bha  cumhachd 
an  Spioraid  air  a  ghiillan. 

Ged  bha  e  a'  comhnuidh  ann  an  uaigneas 
nam  beann  chual  e  mu  dhol  a  mach  an  righ, 
agus  las  a  chorruich.  Air  chomhairle  a 
dhroch  mhnatha  chuir  Ahab  air  chois  ann 
an  Samaria  altair  do  Bhaal,  agus  ann  am 
beagan  iiine  bha  sagartan  Bhaail  cho  tiugh 
anns  an  duthaich  ris  na  fionnain-fheoir. 
Chunnaic  Eliah  nach  b'  fhada  gus  an  deanadh 
na  h-iochdarain  mar  rinn  an  t-uachdaran 
agus  gu  'm  biodh  cridheachan  an  t-sluaigh 
air  an  tarruing  air  falbh  o  Dhia  an  aith- 
richean  chum  aoradh  a  dheanamh  do 
dhiathan  breige. 

Chuir  e  fearg  air  gu  'm  biodh  de  dhanadas 
aig  duine  a  bha  'n  a  shuidhe  air  righ-chaithir 
Israeli  eas-urram  a  thoirt  do  lehobhah,  an 
Dia  a  bheannaich  a  shinnsearan  agus  a  shaor 
iad  le  cumhachd  a  ghairdein,  agus  chuir  e 
naire  air  gu  'm  biodh  an  sluagh  cho  neo- 
dhileas  d'  an  creideamh,  's  gu  'n  leigeadh 
iad  leis  an  righ  toibheum  a  thoirt  do  Dhia. 

Dia  air  a  laimh  dheis 

Ghlac  Eliah  a  bhata,  chrioslaich  se  e  fein, 
agus  thog  e  air  gu  ciiirt  an  righ,  chum 
fianuis  a,  thogail  an  aghaidh  na  h-eucoir. 
Bha  facal  an  Tighearna  mar  theine  'n  a 
chridhe,  agus  cha  b'  urramn  e  cumail  air 
fhein.  ■  Fait  uile  laithean  a  bheatha  tuill- 
'eadh  ghleachd  e  an  aghaidh  cuUbheartan 
an  righ  's  a  mhnatha,  agus  an  aghaidh 
aingidheachd  spioradail  ann  an  ionadan 
arda.  Ach  bha  Dia  agus  an  fhirinn  air  a 
thaobh,  agus  ged  bha  an  cath  searbh  is 
fada,  shaor  e  a  dhuthaich  o  chreideamh 
Bhaail,'  agus  bhoidich  an  sluagh  nach 
deanadh  iad  seirbhis  do  dhia  eile  ach  do 
lehobhah  a  mhain. 

Ma  bha  teachd  Eliaih  diomhaireach  ciod 
a  theirear  ri  fhalbh  ?  Tha  am  fear  a  sgriobh 
leabhar  nan  Righrean  ag  radh  nach  do 
bhlais  e  bas,  ach  gu  'n  do  thog  Dia  suas 
e  gu  neamh  ann  an  iom-ghaoith.  Thainig 
guth  an  Tighearna  'g  a  ionnsuidh,  agus  dh' 
iarr  e  air  aghaidh  a  thionndadh  gu  beanntan 
Nebo.  Tha  e  coltach  gu  'n  robh  amharus 
aig  Eliah  ciod  a  bha  ri  tachairt,  oir  m'  an 
d'  fhalbh  e  air  a  thurus  deireannach,  chaidh 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


e  rau  'n  cuairt  sgoilean  nam  faidheaii  oga 
chum  beamiachd  fhagail  aca.  B'  ami  orra- 
san  a  thuiteadh  uallach  an  latha  an  deidh 
a  bhMs,  agus  bu  mhaith  leis  aon  earail 
dhurachdach  a  thoirt  dhaibh  's  an  dealach- 
adh. 

Am  measg  nan  deisciobuil  oga/bha  aon 
fhear  d'  an  d'  thug  Eliah  gradh  mor.  B'  e 
sin  Elisa,  a  bha  dba  mar  Timoteus  do  Phol. 
Bha  e  'n  a  thlachd  do  Elisa  frithealadh  a 
dheanamh  do  'n  t-seann  fhaidh,  agus  chuir 
e  roimhe  gu  'n  rachadh  e  maille  ris  gu  Nebo. 
Ach  bha  eagal  air  Eliah  nach  seasadh  a 
chridhe  ris  an  t-sealladh  a  chitheadh  e, 
agus  dh'  iarr  e  air  gu  caomhail  gun  dol  ann. 
"  Fan  an  so,"  thuirt  e  ris,  "  oir  chuir  an 
Tighearna  mise  gu  lordan." 

Ach  cha  dealaicheadh  Elisa  ri  mhaighstir 
agus  fhjeagair  e — "  Mar  is  beo  an  Tighearna, 
agus  mar  is  beo  t-anam,  chan  fhag  mi  thu." 
Bhuail  am  faidh  uisgeachan  na  h-aibhrie, 
agus  chaidh  e  fein  agus  a  chompanach 
thairis  oirre  air  chasan  tioram,  agus  an  uair 
a  bha  iad  a'  gabhail  air  an  aghaidh  agus  a' 
comhradh,  "  feuch,  carbad  teine  agus  eich 
theine  a  dhealaich  o  chdile  iad  agus  chaidh 
Eliah  suas  le  h-iom-ghaoith  do  na  neamhan." 
Chan  fhaca  stiil  duine  an  sealladh  ud  ach 
Elisa,  agus  chan  'eil  e  iongantach  nach  d' 
thug  daoine  Ian  gheill  dha,  an  uair  a  thill 
e  air  ais  's  a  dh'  innis  e  ciod  a  thachair.  Chuir 
mic  nam  faidhean  leth-cheud  fear  treun  a 
mach  a  shiubhal  an  t-sleibhe  's  nam  beann, 
ach  ged  shiubhail  iad  fad  tri  laithean,  cha  d' 
fhuair  iad  Eliah.  Cha  robh  e  ann,  oir  thug 
Dia  leis  e. 

Siubhal  gun  bhas 

Tha  e  furasda  gu  leor  a  thuigsinn  gu  'n 
do  rinn  Eliah  obair  mhor  is  mhaith  ann  an 
Israeli,  ach  chan  'eil  e  cho  furasd  a  thuigsinn 
car  son  nach  do  bhlais  e  bas  mar  dhaoine 
eile.  Faodaidh  e  bhith  gu  'n  robh  an  sluagh 
cho  as-creidmheach  aig  an  am,  's  nach 
gabhadh  iad  ris  na  firinnean  a  dh'  fhoill- 


sich  Dia  dhaibh  le  beul  an  fhaidh,  mur 
faiceadh  iad  comharraidhean  is  miorbh- 
uilean.  Chan  'eil  teagamh  nach  robh  so 
anns  an  amharc  aig  an  fhear  a  sgriobh 
cunntas  air  a  bhas,  agus  aig  Elisa  o  'n  d' 
fhuaradh  an  naidheachd  an  toiseach.  Na'n 
d'  fhuair  Eliah  smeadh  laithean  an  deidh 
'obair  a  chriochnachadh,  agus  na'n  deach- 
aidh  e  gu  siorruidheachd  troimh  gheatachan 
a'  bhais  mar  chaidh  a  choimhearsnaich, 
dh'  fhaodadh  a  theagasg  agus  a  ghniomharan 
a  bhi  air  an  dichuimhneachadh,  ach  an 
uair  a  sheulaich  Dia  obair  a  sheirbhisich  le 
a  thogail  suas  gu  neamh  gun  bas  fhulang, 
bha  inntinn  is  cridhe  na  diithcha  air  an\ 
glacadh  air  mhodh  sonruichte,  agus  cha 
leigeadh  an  sluagh  as  an  cuimhne  gu  brath 
beatha  is  teagasg  an  duine  naoimh,  oir 
bha  iad  cumteaph  gu  'm  bu  duine  le  Dia  e. 

Miorbhuil  no  cosmhalachd 

Co  dhiubh  a  sheallar  air  bas  Eliah  mar 
mhiorbhuil  no  mar  chosmhalachd,  faodar 
a  radh  gur  e  sud  an  doigh  a  ghabh  Dia 
air  ughdarras  spioradail  an  fhaidh  a  nochdadh 
d'  a  shluagh  ami  an  6g-mhadutnn  a'  chreid- 
imh,  an  uair  a  bha  Israel  fathast  ann  an 
staid  a  leanabachd. 

Cha  ghabhadh  briathran  a  bu  fhrea- 
garraiche  a  bhi  air  an  sgriobhadh  air  earn 
Eliah  no  na  briathran  a  labhair  a  sheirbh- 
iseach — "  M'  athair,  m'  athair,  carbad  is 
marc-shluagh  Israeil."  Is  e  bha  Elisa  a' 
ciallachadh,  gu  'n  robh  fneantachd  Eliaih 
'n  a'  bhalla-dion  do  Israeli.  Bha  fhacal 
cho  cumhachdach  ri  mile  carbad- cogaidh 
is  deich  mile  marc-shluagh.  Chiim  e  an 
rioghachd  gun  dol  air  seachran  gu  buileach 
o  Dhia,  agus  gun  ceartas  is  firimi  a  threigsinn. 
Chan  ann  an  lionmhoireachd  shaighdearan 
no  luingeis-chogaidh  a  tha  morachd  rioghachd 
a  co-sheasamh,  ach  ann  an  onoir  is  firinn 
is  ceartas  is  uaisle  a  sluaigh.  "  Ardaichidh 
fireantachd  cinneach,  ach  is  e  am  peacadh 
masladh  sluaigh  air  bith." 


Creideamhan  Neonach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.A.,  an  Oovan. 


IV.— SPIORADALACHD  NODHA 

(air  a  leantuinn) 


AIG  amannan  eile,  chan  ann  tre  ghuth  a' 
"  mhedium  "  idir  a  bhitheas  na  spioradan 
a'  cur  a  naU  an  teachdaireachd,  ach  le 
doighean  eile  a  chleachdadh.  Their  am 
"  medium  "  :  "  Tha  duine  anns  a'  choLn- 
neamh  agus  tha  e  air  son  fios  f haotainn  am 
bheil  a  bhrathair  Eachann  a  chaochail  da 


mhios  air  ais  gu  sona."  Mar  fhreagairt 
eiridh  cathair  's  an  t-seomar  air  aon  chois,  ; 
no  cuiridh  bord  beag  car  dheth  gun  neach  a 
bhi  cur  laimh  air.  No  glacaidh  am 
"  medium  "  peann  'na  laimh  os  cionn  pios 
paipeir  agus  toisichidh  i  air  sgriobhadh,  -i 
's  gun  fhios  aice  de  tha  i  a'  sgriobhadh  gus 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN   LATHA  AN  DIUGH 


am  bi  i  uUamh.  'S  e  so  an  spiorad  a' 
stitiireadh  a'  phinn  an  laimh  a'  "  mhedium  " 
gus  teachdaireachd  a'  sgriobhadh  air  paipear. 

Fiosan  faoin 

Gu  de  seorsa  eolais  a  thatar  a'  faotainn 
bho  na  spioradan  tre  na  meadhonan  sin. 
Chan'eil  dad  as  fhiach.  Ma  tha  thu  air  son 
dealbh  a  dheanamh  'n  ad  inntinn  no  cunntas 
a  sgriobhadh  sios  air  gu  de  seorsa  aite  arms 
am  bheil  spioradan  nam  marbh  a'  comh- 
nuidh  no  ciod  a  tha  iad  a'  deanamh,  bithidh 
obair  agad.  Cha  ghabh  e  deanamh.  Chan'eil 
cordadh  sam  bith  eadar  na  cunntasan  a 
tha  na  Spioradalaich  a'  faotainn  bho  na 
mairbh.  'S  ami  a  tha  iad  mar  as  trice  calg 
dhireach  an  aghaidh  £t  cheile.  Their  feadh- 
ainn  gu'm  bheil  .saoghal  nan  spiorad  tri 
fichead  mile  air  falbh  bho'n  t-saoghal  so  ; 
their  feadhainn  eile  gu'm  bheil  saoghal  nan 
spiorad  tri  fichead  muillion  mile  air  falbh. 
Their  cuid  de  na  spioradam,  ged  a  bhasaich 
iad  'n  an  leanaban  aig  aois  beagan  mhiosan, 
gu'm  bheil  iad  air  fas  ann  an  saoghal  nan 
spiorad  agus  gu'm  bheil  iad  air  posadh  an 
sin,  agus  gu'n  d'rugadh  clann  dhaibh.  Ach 
nach  d'thuirt  Criosd  "  anns  an  aiseirigh  cha 
dean  iad  posadh,  ach  tha  iad  mar  aingil 
Dhe  air  neamh "  (Mata  xii.  30)  ?  Tha 
feadhainn  eile  de  na  spioradan  ag  innseadh 
gu'm  bheil  iad  a'  smogadh  agus  ag  61  uisge- 
beatha  ann  an  saoghal  nan  spiorad  ;  gu'm 
bheil  iad  a'  fuireach  ann  an  tighean-cloiche, 
agus  mar  sin  air  aghaidh. 

Faodar  a  radh  nach  tainig  riamh  aon 
teachdaireachd  bho  spioradan  nam  marbh 
a  b'fhiach  eisdeachd  ris.  Tha  na  fiosan  a 
tha  na  Spioradalaich  a'  toirt  dhuinn  bho 
na  spioradan  gu  tur  leanabail.  Eadhon  an 
uair  a  their  iad  gur  ann  bho  dhaoine  a  bha 
sonraichte  anns  a'  bheatha  so  air  son  foghluim 
is  gUocais  a  tha  na  fiosan,  chan'eil  moran  de 
choltas  gliocais  no  foghluim  air  na  fiosan. 
Tha  iad  gu  math  faoin  agus  leanabail.  Tha 
mu  cheud  bliadhna  a  nis  bho'n  thoisich  na 
Spioradalaich  Nodha  air  an  rannsachadh  so, 
ach  anns  an  iiine  sin  cha  d'fhuair  iad  a  mach 
aon  rud  cinnteach  a  b'fhiach  mu'n  bheatha 
a  tha  feitheamh  oirnn  air  taobh  thall  na 
h-uaighe. 
Mealltaiieachd 

Gu  de  a  tha  ag  aobhrachadh  nan  tachar- 
tasan  neonach  a  bhitheas  daoine  a'  faicmn 
agus  a'  fiosrachadh.  aig  "  seances  "  (no 
comneamhan)  nan  Spioradalach  ?  Oir  chan 
urrainn  dhuinn  aicheadh  nach  'eil  nithean 
iongantadh  gu  trie  a'  tachairt.  Tha  a' 
mhor-chuid  de  na  tachartasan  sin  ag  eirigh 
bho  mhealltaireachd  agus  bho  fhoill.  Tha 
moran  de  na  "  mediums  "  math  air  cleasan 


innleachdach  tre  an  toir  iad  a  chreidsinn 
air  eadhon  daoine  tiirail  gu'm  bheil  spioradan 
nam  marbh  an  lathair  agus  a'  labhairt  agus 
ag  obair.  Tha  ard-dhaoine  nan  Spioradalach 
iad  fhein  ag  aideachadh  so  ;  tha  iad  ag 
aideachadh  gu'm  bheil  aireamh  mhor  de  na 
"  m,ediums "  a'  toirt  a'  char  a  daoine  le 
cuilbheartan  meallta. 

Ach  a  dh'aindeoin  sin,  tha  fhathast 
nithean  ann  nach  'eil  idir  'n  am  mealladh. 
,Ciod  is  aobhar  dhaibh  sin  ?  Mar  a  tha 
fhios  againn  uile,  tha  feadhainn  ann  as 
urrainn  inntinnean  dhaoine  eile  a  leughadh. 
'S  e  gibht  iongantach  a  tha  an  sin,  ach  tha  e 
ann.  Gabhaidh  smuaintean  uaigneach  na 
h-inntinne  a  bhi  air  an  leughadh  leotha-san 
aig  am  bheil  a'  -bhuaidh  so.  Agus  tha  moran 
de  thachartasan  a  tha  dol  fo'n  ainm 
"  Spioradalachd  "  a'  tighinn  fo'n  cheann  so. 
A  rithisd,  bha  riamh  a  leithid  de  ni  ann  ris 
an  abradh  daoine  "  an  da-shealladh  "  (second- 
sight) — daoine  aig  an  robh  comas  ni  fhaicinn 
mus  do  thachair  e.  Ciod  air  bith  as  aobhar 
dha,  tha  mi  fhein  a'  lan-chreidsinn  gu'n 
robh  agus  gu'm  bheil  a  leithid  de  ni  ann, 
agus  tha  pairt  de  na  tha  na  Spioradalaich 
a'  deanamh  a'  tighinn  fo'n  cheann  sin. 

Gidheadh,  an  uair  a  chuireas  sinn  bhuainn 
gaeh  ni  a  dh'fhaodadh  eirigh  bho  mheall- 
taireachd, no  bho  leughadh-inntinnean,  no 
bho'n  da-shealladh,  tha  sinn  air  ar  fagail 
le  aireamh  de  nithean  iongantach  nach 
gabh  aicheadh  a  thachair  agus  nach  urrainn 
a  bhi  air  am  mineachadh  anns  na  doighean 
a  dh'ainmich  mi.  Gu  de  a  their  sinn  mu  na 
nithean  sin  ? 

Gun  teagamh  sam  bith  nithean  neo- 
chumanta  agus  iongantach  a'  tachairt  air 
uairean  aig  coinneamhan  (no  "  Seances ") 
nan  Spioradalach.  Ciod  as  aobhar  dhaibh  ? 
A  reir  nan  Spioradalach,  tha  spioradan  nam 
marbh  air  chtil  nan  tachartasan  sin,  agus 
iad  a'  stri  anns  na  doighean  so  ri  an  lath- 
atreachd  a  dheanamh  aithnichte  agus  ri 
fiosan  air  chor-eigin  a  thoirt  do^na  beothaibh. 
Ach  chan  e  so  an  t-aon  mhineachadh  a 
dh'  fhaodamaid  a  thoirt  air  a'  chuis,  agus 
gu  dearbh  cha  bu  choir  dhuinn  am  mme- 
achadh  so  a  thoirt  ma  ghabhas  mineachadh 
reusonta  eile  fhaotainn.  Agus,  mar  a  dh' 
f  heuchas  mi  ri  nochdadh,  tha  mineachaidhean 
eile  agus  aobharan  eUe -a  tha  moran  na  's 
reusonta  agus  na  's  sgriobturaile  na  mineach- 
aidhean eUe  agus  aobharan  eile  a  tha  moran 
na  's  reusonta  agus  na  's  sgriobturaile  na 
mineachadh  nan  Spioradalach. 

Diomhaireachd  na  h-inntinn 

Mar  a  tha  aireamh  mhath  de  na  Spior- 
adalaich iad  fhein  ag  aideachadh,  tha  moran 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


de  na  tachartasan  neo-chumanta  aig 
"  Seances  "  ag  eirigh  bho  chuilbheartan  is 
cleasan  innleachdach  a  bhitheas  cuid  de 
nam    "  mediums  "    a'    cleachdadh. 

A  rithisd,  tha  "  Psychology  "  (eolas  mu'n 
inntinn)  a'  deanamh  na  's  soilleire  gu'm 
bheil  buadhan  is  comasan  folaichte  ann  an 
inntinn  an  duine  nach  'eil  sinn  uile  gu  leir 
a'  lan-thuigsinn  fhathast.  Mar  a  tha  an 
Fhirinn  ag  radh,  "  is  uamhasach,  iongantach 
a  dhealbhadh  mi  "  (Salm  cxxxix.  14),  agus 
ma  tha  corp  an  duine  air  a  dhealbh  gu 
h-iongantach,  tha  inntinn  an  duine  moran  na 
's  iongantaiche.  A  nise,  tha  e  air  a  dhearbh- 
adh  gu'm  bheil  feadhainn  ann  aig  am  bheil 
an  comas  gu  ire  mhath  inntinnean  dhaoine 
eile  a'  leughhadh,  agus  chan'eil  teagamh 
nach  'eil  cuid  de  na  "  mediums  "a'  deanamh 
feuma  de'n  chomas  so  a  tha  aca.  Theirear 
ris  a'  chomas  so  ann  am  Beurla  "  Telepathy." 

Ma  theid  thu  gu  "  Seance  "a  shireadh 
eolais  mu  charaid  dhuit  a  f  huair  has  o  chionn 
ghoirid,  gu  de  a  tha  tachairt  ?  Tha  thu  'n  ad 
shuidhe  's  a'  choinneamh  agus  thu  a'  cuimh- 
neachadh  air  do  charaid  nach  maireann. 
'N  ad  inntinn  fhein .  bithidh  tu  a'  tighimi 
thairis  air  an  ainm  aige,  agus  air  a'  choltas 
an  uair  mu  dheireadh  a  chummaic  thu  e, 
agus  na  nithean  air  am  b'  abhaist  thu  fhein 
agus  e  fhein  a  bhi  comhradh.  Ma  tha 
comas  inntinn  dhaoine  eile  a  leughadh 
("  Telepathy  ")  aig  a'  "  Mhedium,"  chan  'eil 
e  idir  eu-comasach  dhith  pairt  co  dhiii  de  do 
smuaintean  a  leughadh  agus  nithean  innseadh 
dhuit  mu  do  charaid  a  chuireas  f  ior  iongantas 
ort,  agus  fhios  agad  gle  mhath  nach  'eil 
duine  's  a'  choinneamh  a  bha  eolach  aona 
chuid  ort-sa  no  air  do  charaid.  Mur  biodh 
fhios  agad  gu'm  bheil  a  leithid  de  ni  ri 
"  Telepathy  "  ann,  dh'  fhalbhadh  tu  dhach- 
a  dh'  innseadh  mar  a  fhuair  thu  fios  bho  d' 
charaid  tre  bheul  a'  "  Mhedium."  Tha 
moran  a'  saoilsinn,  agus  mi  fhein  'n  am 
measg,  gu'm  bheil  a'  mhor-chuid  de  obair 
nam  "Mediums  "  ag  eirigh  bho  'n  chomas 
so  a  bhi  leughadh  inntinnean  dhaoine  eile. 

A  rithisd,  tha  feadhainn  ann,  agus  bha 
iad  ann  roimhe  so,  aig  am  bheil  an  comas 
iongantach  sin  ris  an  abrar  "  an  da-sheal- 
ladh  "  ("  Second-Sight  ").  'S  e  sin  comas 
seallaidhean  fhaicinn  air  nithean  a  thachair 
cheana,  no  air  nithean  a  tha  ri  tachairt 
fhathast,  no  eadhon  air  nithean  a  tha 
tachairt  a  nis  ann  an  aite  eile  fad  air  falbh. 
'S  docha  gu'm  bheil  cuid  de  thachartasan 
nan  "  Seances  "a'  tighinn  fo  'n  cheann  so. 

Droch  spioradan 

Ach  tha  mmeachadh  eile  ann  a  dh' 
fhaodamaid   a  thoirt   air  aghaidh,   agus    's 


e  so  am  mineachadh  air  Spioradalachd  a 
tha  Eaglais  na  Roimhe  agus  moran  Phros- 
tanach  a'  toirt.  'S  e  sin,  gu'm  bheil  spior- 
adan ag  obair  anns  na  "  Seances,"  ach  chan 
e  spioradan  nam  marbh  a  tha  annta  ach 
spioradan    olc,    droch    spioradan. 

Mar  a  tha  fhios  againn  uile,  ma  tha  dad 
de  eolas  againn  air  a'  Bhiobull,  tha  an 
Sgriobtur  a'  nochdadh  gu'm  bheil  spioradan 
eile  anns  an  t-saoghal  spioradail  a  bharrachd 
air  spioradan  nam  marbh,  agus  tha  da 
sheorsa  ann  dhiubh — spioradan  maithe  (ris 
an  abrar  "  ainglean  ")  agus  droch  spioradan.. 
Is  iad  na  h-ainglean  teachdairean  agus 
luchd-frithealaidh  an  Tighearna  (faic  Genesis 
xvi.  7,  xix.  1,  xxxii.  1  ;  Salm  xxxiv.  7, 
ciii.  20,  civ.  4  ;  Mata  i.  20  ;  Lucas  i.  11  ; 
Gniomh  v.  19  ;  Eabh.  xii.  22,  agus  moran 
earrannan  eile). 

Ris  na  droch  spioradan  theirear  "  deamh- 
ain,"  agus  is  iad  so  luchd-frithealaidh  an 
t-Satatn,  "  prionnsa  nan  deamhan  "  (Mata 
xii.  24).  Ann  a  bhi  a'  buaireadh  agus  a' 
mealladh  dhaoine,  tha  na  deamhain  no  na 
droch  spioradan  sin  a'  cleachdadh  iomadh 
innleachd.  Mar  a  tha  Pol  ag  radh,  "  Chan 
'eil  sinn  a'  gleachdadh  a  mhain  ri  full  agus 
feoil,  ach  ri  uachdaranachdaibh,  ri  cumhach- 
daibh,  ri  riaghlairibh  dorchadais  an  t- 
saoghail  so,  ri  aingidheachd  spioradail  ann 
an  ionadaibh  neamhaidh  "  (Ephes.  vi.  12). 
Tha  "  cuilbheartan  an  diabhoil "  (Ephes. 
vi.  11)  lionmhor.  "  Chan  'eil  sinn  aineolach 
air  'innleachdaibh  "  (2  Cor.  ii.  11).  "  Cuirear  . 
Satan  fein  ann  an  cruth  aingil  soillse  ;  uime 
sin  cha  ni  mor  e  ged  chuirear  ann  an  cruth 
mhinisteirean  na  fireantachd  a  mhinisteirean 
(a  sheirbhisich)  mar  an  ceudna "  (2  Cor. 
xi.  14-15).  Aig  aon  am  dh'  fheuch  Satan  ri 
Criosd  e  fhein  a  bhuaireadh  tre  bheul 
Pheadair,  aon  d'a  dheisciobuil  (Marc  viii.  3). 

Chan  ionghnadh  mar  sin  ged  a  bhitheadh 
na  droch  spioradan  a'  mealladh  dhaoine  le 
bhi  a'  tighinn  ann  an  riochd  spioradan  an 
cairdean  nach  maireann.  Tha  spioradan 
dheamhan  comasach  air  comharran  a  dhean- 
amh  (Taisb.  xvi.  14).  Ann  an  Philipi  thilg 
Pol  "  spiorad  fiosachd  "  a  mach  a  boirionnach 
(Gniomh  xvi.  16). 

"  A  nis  tha  an  Spiorad  ag  radh  gu  soilleir, 
anns  na  h-aimsiribh  deireannach  gu  'n 
treig  dream  araidh  an  creideamh,  a'  toirt 
aire  do  spioradan  mealltach,  agus  do  theagas- 
gaibh  dheamhan  ;  tre  cheilg  bhreugairean, 
air  bhi  d'an  coguisibh  air  an  losgadh  le 
iarunn  dearg  "  (1  Tim.  iv.  1-2). 

(ri  leantuinn) 


Aireamh  lo 


1945 


Staid  nan  Naomh 


A  THAOBH  staid  nan  naomh  tha  Leabhar 
Aidmheil  a'  Chreidimh  a'  teagasg  gu  bheil 
anmanna  nan  creidmheach,  aig  uair  am  bais, 
air  an  deanamh  foirfe,  agus  a'  dol  a  steach  do 
ghloir,  ged  chaidleas  an  corp  anns  an  uaigh  gu 
la  na  h-aiseirigh.  An  uair  a  bhios  seancbas 
reidh  samhach  agam  ri  daoine  mu  nitbean 
soluimte  na  beatha  so  agus  mu  staid  nam 
marbh,  mar  a  bhitheas  air  uairean,  agus  gu 
sonraicbte  ri  seann  daoine,  chan  'eil  ceist 
eile  as  bitheanta  a  chaidh  a  chur  orm  na 
cbeist  so,  An  tachair  sinn  a  ris  ri  ar  luchd-gaoil 
ann  an  neamh  1 

Do  dhaoine  aig  a  bheil  gaol  air  a  cheile  is  e 
gath  a'  bhais  gu  bheil  e  a'  deanamh  sgaraidh 
eatorra,  agus  b'e  an  sgeul  a  b'fhearr  leo  a 
chluinntinn  gu'n  coinnich  iad  ann  an  neamh 
agus  nach  bi  dealachadh  ann  na's  mo.  Tha 
an  dochas  so  air  a  thoirt  dhuinn  ann  an  te  de 
na  laoidhean,  ged  tha  mi  an  duil  gu  bheil  e 
air  a  chur  na's  laidire  anns  an  laoidh  na  tha 
e  anns  an  sgriobtur  air  a  bheil  i  air  a  steidh- 
eachadh. 

Fos  tamuU  beag,  is  ruigidh  sinn 
An  caladh  ait  fadheoidh, 
'S  an  coinnich  sinn  na  sgaradh  uainn 
'S  cha  dealaich  sinn  na's  mo. 

Bu  mhaith  learn  a  radh  a  dh'  aon  ruith  gur  e 
so  ceist  nach  urrainn  mise  no  duine  eile  a 
fhreagairt.  Chan  'eil  foillseachadh  soilleir  no 
cinnteach  againn  anns  a'  Bhiobull  air  a' 
chtds  ;  ged  nach  'eil  dad  anns  a'  Bhiobull 
air  an  urrainn  cridheachan  leonta  greim  a 
dheanamh  cha  mho  a  tha  dad  ann  a  tha 
toirt  bhuapa  an  dochais  gu'n  coinnich  iad 
r'an  cairdean  air  taobh  thall  na  h-uaighe, 
agus  gu'm  bi  caidreamh  eatorra  anns  an 
t-siorruidheachd.  - 

A  dh'  innseadh  na  firinn,  is  e  so  ceist  nach 
d'  thainig  riamh  a  steach  air  inntinn  nan 
abstol.  Ann  an  laithean  nan  abstol,  b'e 
Criosd  a  mhain  dochas  na  gloire,  agus  b'e 
uile  aoibhneas  nan  naomh  gu'm  biodh  iad 
maille  ris-san  ann  an  neamh.  Anns  an 
Tiomnadh  Nuadh  chan  'eil  aon  fhacal  mu 
ar  luchd-gaoil  am  measg  aoibhneas  is  solasan 
na  siorruidheachd,  ach  a  h-uile  facal  mu 
Chriosd.  Is  e  esan  a  mhain  solus  is  gloir 
neimh  ;  tha  aoibhneas  nan  naomh  a  co- 
sheasamh   ann   a    bhi   maille   ris-san.      Sin 


teagasg  an  Tiomnaidh  Nuaidh,  agus  sin  an 
doigh  anns  an  robh  na  h-abstoil  a'  sealltuinn 
air  a'  chuis,  air  chor  agus  gu'm  faod  e  bhi 
fior  gii  bheil  daoine  a'  call  tomhas  de'n 
fhior  dhochas  a  thug  Dia  dhaibh,  mar  is 
motha  a  tha  a'  cheist  so  a'  lionadh  an 
cridheachan,  An  coinnich  sinn  ri  ar  luchd- 
gaoil  ? 

Bha  ministir  ainmeil  ann  an  siorramachd 
Rois  a  chaill  a  bhean,  agus  iad  le  cheile  gle 
6g.  Bha  i  dha  mar  anail  a  bheatha,  agus  an 
;ieidh  a  bais  bhiodh  e  a'  guidhe  gu'n  tigeadh 
am  has  air  fhein  gus  faotainn  eomhla  rithe. 
An  ceann  greis  mhothaich  e  gu  robh  so  a' 
tighinn  eadar  e  agus  Criosd  ;  nach  ann  idir 
air  comunn  is  lathaireachd  Chriosd  ann  an 
neamh  a  bha  e  a'  smuaineachadh,  ach  air 
companas  is  caidreamh  a  mhnatha. 

Ach  chan  e  sin  a  gheibhear  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh  ;  is  e  an  dochas  ait  a  tha 
air  a  thoirt  do  shluagh  an  Tighearna  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh  gu'm  bi  iad  gu  brath 
maille  ris  an  Tighearna ;  chan  e,  gu'm  bi  iad 
gu  brath  maille  ri  luchd  an  gaoil. 

A  mach  o'n  fhacal  a  tha  air  a  dheachdadh 
leis  an  Spiorad  Naomh  chan  'eil  urrainn  eile 
as  cinntiche  na  fianuis  dhaoine  diadhaidh 
a  thug  dhuinn  am  beachd  air  a'  cheist  so, 
agus  bu  mhaith  leam  leigeil  le  aon  no  dha 
dhiubh  sin  am  beachd  innseadh  do  luchd- 
leughaidh  na  duilleig  so,  gun  fhios  nach  toir 
e  dhaibh  comhfhurtachd  anns  an  sgaradh 
a  rinn  am  bas  'n  am  beatha. 

'Na  sheann  aois  sgriobh  Tomas  Carlyle  gu 
mhathair,  "  a  h-uile  uair  a  smuainicheas  mi 
gu'm  feum  mi  fhein  agus  sibhse  dealachadh, 
thig  crith  is  fuachd  orm  ;  chan  'eil  comhfhur- 
lachd  dhomh  ann  an  rud  air  bith  ach  ann  a 
bhi  creidsinn  gu'n  ceadaich  Dia  dhuinn 
cqinneachadh  anns  an  t-saoghal  eile." 

Ann  an  1881  sgriobh  Iain  Ruskin  gu  Iain 
Brim,  an  lighiche  glic  is  caomhail,  "  Tha  m' 
athair,  agus  mo  mhathair,  agus  mo  bhan- 
altrum  ghaolach,  a'  feitheamh  orm  an  tir 
Immanuel  shuas." 

An  uair  a  chuala  Tomas  Chalmers  mu  bhas 
caraid  sonraichte  air  an  robh  meas  mor  aige 
sgriobh  e,  "  Bha  caidreamh  mills  eadaruinn 
air  thalamh,  agus  tha  mi  ag  altrum  a  mheud 


EAGAL  GUN  AOBHAR 


's  a  tha  an  soisgeul  a'  toirt  dhorah  de  dhochas 
gu'm  bi  caidreamh  mills  eadarulnn  ann  an 
neamh  culdeacM." 

Ann  an  aon  d'a  lltrlchean  sgriobh  Phillips 
Brooks  mar  so,  "  Chan  urrainn  mi  gun  a  bhi 
smuaineachadh  air  uairean  clod  an  seorsa 
eolais  a  bhios  aig  daoine  air  a  cheile  anns  an 
t-saoghal  eile,  agus  ciamar  a  bhios  lad  a' 
cumail  suas  an  cairdeis.  Tha  ml  an  diiil 
gu'm  faic  slnn  smualntean  diomhair  a  cheile 
cho  solUeir  's  ged  bhiodh  iad  m'  ar  colnneamh 
ann  an  leabhar.  Theagamh  gu'n  cuir  so 
eagal  is  uamhas  oirnn  an  toiseach,  ach  ri 
uine  fasaidh  slnn  cleachdta  ris,  agus  bidh 
e  'n  a  fhaochadh  dhulnn  fhaireachduinn  gur 
h-aithne  d'ar  cairdean  a'chuld  as  miosa 
annainn  cho  maith  ris  a'  chuid  as  fhearr, 
agus  nach  bi  eagal  oirnn  gun  sgur  gu'm  bi 
slnn  air  ar  faotainn  a  mach." 

Ged  tha  daoine  a'  cnuasachadh  air  staid 
nam  marbh  bho  thoiseach  an  t-saoghail  chan 
aithne  dhuinn  a  bheag  uime  sin  f  hathast ; 
chan  aithne  dhuinn  dad  barrachd  air  So- 
crates, a  thubhalrt  bho  chionn  da  i^ihile 
bliadhna,    "  Biodh    deagh    mhisneach    agad 


agus  greimich  air  an  aon  ni  so,  nach  eirich  olc 
do  dhuine  maith,  co  dhiu  a  tha  e  beo  no 
marbh." 

Tha  a  bheachd  f  hein  aig  a  h-uile  duine  mu 
neamh  ;  ach  ged  dh'  fhaodas  nach  'ell  fois 
shiorruidh  nan  naomh  cho  ion-mhiannaichte 
ann  an  suilean  na  gineil  so  's  a  bha  e  ann  an 
siiilean  an  aithrichean,  tha  mi  an  diiil  gur 
e  so  am  facal  as  fhearr  a  chaidh  riamh  a 
labhairt  mu  staid  nan  naomh,  dh'fhagadh 
fois  fa  chomhair  sluagh  Dhe. 

Ann  an  neamh  tha  fois  is  sith  is  aonachd  is 
solas  siorruidh  maille  ri  Criosd.  Dh'aithnich 
na  deisciobuil  air  beinn  a'  chruth-atharrach- 
aidh  Maois  agus  Eliah  ged  nach  fhaca  iad 
riamh  iad  anns  an  fheoil,  agus  faodaidh  e 
bhith  nach  e  a  mhain  gtt',^n  aithnich  slnn  anns 
an  ath  shaoghal  na  cairdean  a  b'  aithne 
dhuinn  anns  an  t-saoghal  so,  ach  gu'n  aith- 
nich sinn  na  naoimh  nach  fhaca  sinn  riamh, 
faidhean  is  martaraich  is  abstoil.  Cha  bhi 
oidhche  an  sin,  agus  chan  'eil  feum  aca 
air  coinnil  no  air  solus  7ia  greine,  air  bheir 
an  Tighearna  Dia  solus  dhaibh  agus  riogh- 
aichidh  iad  gu  saoghal  nan  saoghal. 


Eagal  gun  aobhar 


ANN  an  te  de  na  sailm  (liii.  3),  tha  an  salm- 
adair  ag  radh,  An  sin  ghabh  iad  eagal  mor  an 
uair  nach  robh  aobhar  eagail  ann.  Thig 
an  t-eagal  gun  sireadh  gun  iarraidh,  ach 
an  uair  a  thig  e  cuiridh  e  saorsa  is  sonas  a 
mach  air  an  dorus.  Ma  chumas  tu  do 
shuilean  agus  do  chluasan  fosgailte  chi  thu 
nach  'eil  rud  eile  ann  a  tha  milleadh  sith  is 
sonas  dhaoine  cho  mor  ri  eagal,  agus  sin 
eagal  gun  aobhar,  eagal  roimh  fhaileasan. 

Sgriobh  d'uine  6g  a  bha  an  da  chuid  'na 
sgoilear  maith  agus  'na  dhiadhair,  Seumas 
Halley,  mar  so  gu  phiuthair  aig  am  bliadhn' 
iiire,  "  Chan  urrainn  mi  innseadh  dhuit  mar 
a  tha  e  cheana  'g  am  ghou'teachadh  gu'm 
feum  mi  gu  goirid  ann  an  ciirsa  an  Fhreasdail 
ceann  m'  athar  a  leagail  anns  an  uaigh. 
Tha  e  nis  'na  sheann  duine  ;  bidh  e  tri 
fichead  air  an  t-Sabaid  so  a  tha  tighinn." 

Bha  Seumas  Halley  tri  bliadhna  fichead 
an  uair  a  sgriobh  e  an  litir  so,  ach  shiubhail 
e  ceithir  bliadhna  'na  dheidh  sin  agus  leag 
athair  a  cheann-san  anns  an  uaigh.  Bha 
an  seann  duine  fathast  gu  laidir  aig  bas  a 
mhic. 

Chiim  am  mac  bas  athar  mar  sgail  dhubh 
air  a  bheulaibb,  air  chor  agus  gu'n  do  ghabh 
e  eagal,  agus  gun  aobhar  eagail  ann.  Tha  mi 
cinnteach  gu'n  iarradh  Criosd  air  a  thilgeil 
air  a  chulaibh,  oir  thubhalrt  e  aon  uair  r'a 


dheisciobuil,  "  Is  leoir  do'n  la  olc  fein,"  agus 
clod  a  tha  sin  a'  ciallachadh  ach  gur  ann  air 
ar  ciilaibh  is  coir  do  na  sgailean  a  bhith. 

Ma  chuireas  e  iongantas  ort  a  chluinntinn 
cho  trie  's  a  tha  eagal  air  daoine  gun  aobhar, 
chuireadh  e  iongantas  a  bu  mho  ort  a  chluinn- 
tinn cuid  de  na  nithean  a  bhios  a'  cur  eagail 
orra ;  n'am  b'aithne  dhuit  an  dara  leth 
dhiubh  theireadh  tu  gur  e  mac  an  duine 
creutair  as  neo-reusanta  a  chruthaich  Dia. 
Clod  a  their  thu  ris  an  duine  nach  robh 
posda  ach  fichead  bliadhna  agus  a  thoisich 
air  inntinn  fein  a  dheanamh  carraideach  leis 
an  eagal,  na'm  biodh  e  fhein  agus  a  bhean 
beo  deich  bliadhna  fichead  eile,  gu'm  biodh 
lubilee  am  bainnse  ann,  agus  gu'm  feumadh 
e  eirigh  suas  agus  oraid  a  dheanamh  a  thoirt 
taing  do  na  cairdean  a  bhiodh  cruinn  a  dh' 
61  an  deoch-slainte  ?  Sin  agad  duine  a 
bha  glic  crionna  ann  an  ciiisean  eile,  ach  bha 
an  sgail  ud  a'  deanamh  a  bheatha  dorcha, 
eagal  na  lubilee  a  bha  deich  bliadhna  fichead 
air  thoiseach  aij". 

Saoileadh  tu  nach  'eil  e  comasach  do 
dhuine  glic  eagal  a  ghabhail  roimh  fhaileas 
cho  faoin,  ach  tha  cridhe  mhic  aa  duine 
anabarrach  diomhair  agus  cho  domhain  ris 
a'  chuan,  agus  cha  rachainn  bonn  an  urras 
nach  'eil  sgail  a  cheart  cho  faoin  agus  cho 
fad  as  a'  cur  fiamh  ort  fheia  agus  orm  fhein 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


cuideachd,  na'n  innseamaid  an  fhirinn  gu 
saor,  gun  dad  a  chleith.  Tha  sgailean  nach 
creideadh  tu  a'  laighe  air  daoine  nach 
saoileadh  tu. 

Cha  robh  Tomas  Huxley  a'  creidsinn  anns 
an  aiseirigh,  ach  sgriobh  e  mar  so  gu  Iain 
Morley,  "  Bidh  e  air  uairean  a'  cur  seorsa 
dh'  uamhas  orm  gu'm  basaich  mo  spiorad, 
agus  nach  bi  fhios  agam  ceud  bliadhna  'na 
dheidh  so  ciod  a  tha  tachairt.  B'  fhearr 
gu  mor  a  bhi  ann  an  ifreann  (na'm  freagradh 
an  t-sid  orm  agus  na'm  biodh  mo  chom- 
panaich  car  beusach)  seach  a  bhith  air  mo 
chur  a  bith  uile  gu  leir." 

Air  an  laimh  eile  faodar  a  ghabhail  gu 
bheil  a  h-uile  sagart  agus  ministear  a' 
creidsinn  anns  a'  bheatha  mhaireannaich, 
ach  aidichidh  cuid  dhiubh  gu  bheil  beatha 
gun  chrioch  'n  a  eagal  agus  'na  uamhas 
dhaibh. 

"  Chan  'eil  mise  a'  creidsinn  ann  an 
tamhaisg,"  arsa  Frangach  geur,  "  ach  air  a 
shon  sin  tha  eagal  agam  romhpa."  Sin  agad 
an  staid  inntinn  anns  a  bheil  moran  de 
shluagh  an  t-saoghail  an  diugh  ;  tha  eagal 
aca  roimh  uilc  anns  nach  'eil  iad  a'  creidsinn, 
agus  roimh  uilc  nach  'eil  idir  ann.     Tha  na 


ceudan  ann  a  tha  'nan  daoine  glic  pongail 
ach  air  a  shon  sin  ma  thachras  dhaibh 
sgathan  a  bhriseadh,  no  a'  chuthag  a  chluinn- 
tinn  agus  gun  bhiadh  'nam  broinn,  no 
coiseachd  fo  fharadh  gun  fhios  dhaibh,  no 
tachairt  air  droch  comhalaiche,  no  coileach 
no  fitheach  no  caileach-oidhche  a  chluinn- 
tinn  aig  uairean  sonraichte,  cuiridh  na 
nithean  sin  bharr  an  siiiil  iad  coltach  ris  a' 
phaisde  bheag  a  bha  a'  caoineadh  le  eagal 
roimh  fhaUeas. 

Uair  a  bha  fear-tarruing  dhealbh  (duine 
a  bha  ainmeil  'na  latha)  a'  teagasg  na  h- 
ealadhain  sin  do  oileanaich  oga  thuirt  e 
riutha,  "  An  uair  a  bhios  sibh  a'  tarruing 
neul  anns  an  speur,  air  cho  dubh  dorcha  's 
'g  am  bi  na  neoil,  cuimhnichibh  gu'm  feum 
sibh  an  cur  astor  maith  air  falbh.  Is  e  ar 
gliocas  buntainn  anns  a'  cheart  doigh  so  ris 
na  neoil  a  bhios  ag  eirigh  air  speur  na  h- 
inntinn,  an  cumail  astar  bhuainn.  Is  trie 
a  chithear  neoil  as  nach  tig  deur  uisge,  agus 
theagamh  nach  tig  thugad  am  maireach  no 
gu  brath  am  freasdal  sonraichte  a  tha  cur 
eagail  ort.  "  An  ti  bheir  an  aire  do'n 
ghaoith  cha  chuir  e  siol ;  agus  an  ti  a  dh' 
amhairceas  air  na  neoil  cha  bhuain  e." 


Creideamhan  Neonach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.  A.,  an  Oovan. 
(air  a  leantuinn) 


Mar  a  thubhairt  mi  cheana,  bithidli 
feadhainn  de  na  Spioradalaich  a'  togail 
earrannan  as  a'  BhiobuU  gu  bhi  a'  taiceach- 
adh  an  cuid  theagasgan,  ach  cho  fad  's  as 
aithne  dhomh-sa  chan  'eU  iomradh  an  aite 
sam  bith  's  an  Sgriobtur  air  na  mairbh  a  bhi 
labhatrt  ris  na  beothaibh,  ach  aig  tri  amannan 
a  mhain.  Tha  cunntas  againn  gu  'n  d'fhoill- 
sicheadh  Elias  agus  Maois  do  losa  agus  a 
thritiir  dheisciobul  air  beinn  a'  chruth- 
atharrachaidh,  agus  bha  Maois  agus  EUas 
a'  comhradh  ri  losa  (Marc  ix.  4).  Thoire- 
amaid  fainear,  gidheadh,  nach  'eil  iomradh 
air  "  medium,"  no  air  "  control  "  aim  an  so  ; 
chan  'eil  e  air  a  radh  gu  'n  d'fhuak  Elias 
bas  mar  a  thuigeas  sinne  bas,  oir  "  chaidh 
Eliah  suas  le  h-iom-ghaoith  do  na  neamhan  " 
(2  Righ.  ii.  11),  agus  ged  a  fhuair  Maois 
bas,  bha  iongantas  air  chor-eigin  an  co- 
cheangal  ri  a  bhas-san  (Deut.  xxxiv.  5-6). 
A  bharrachd  air  sin,  chan  ann  ri  duine  a 
bha  an  dithis  sin  a'  comhradh  ach  ri  Mac 
Dhe. 

A  rithisd,  bithidh  na  Spioradalaich  a' 
labhairt  mu  na  seallaidhean  a  chunnacas  air 
losa  an  deidh  aiseirigh  mar  dhearbhadh  gur 


urrainn  na  mairbh  fios  a  thoirt  do  na  beoth- 
aibh, ach  an  so  a  rithisd  chan'  eil  ann  ach 
toibheum  a  bhi  a'  gabhail  so  mar  eisimplek 
air  obair  nan  Spioradalach. 

An  t-slighe  gu  Endor 

'S  i  an  treas  eisimpleir  a  tha  againn  anns 
a'  BhiobuU  air  spiorad  neach  a  fhuair  bas 
a  bhi  toirt  teachdaireachd  do  na  beothaibh 
an  ni  a  thachah"  aig  Endor  (1  Samuel  xxviii). 
Bha  eagal  air  an  Righ  Saul  agus  na  naimh- 
dean  a'  dliithachadh  air,  agus  a  choguis  fo 
chionta.  Mar  a  thuirt  e  fhein,  "  Tha  mi 
ann  an  teanntachd  mhoir ;  oir  tha  na 
Philistich  a'  cogadh  am  aghaidh,  agus 
dhealaich  Dia  rium,  agus  chan  'eil  e  a'  toirt 
freagraidh  dhomh  na  's  mo  (1  Sam.  xxviii. 
15).  Anns  an  t-suidheachadh  sin  chuimh- 
nich  Saul  air  Samuel,  am  faidh  mor,  a  bha 
a  nis  marbh,  agus  chaidh  e  a  dh'ionnsaigh 
mnatha  ann  an  Endor  aig  an  robh  leannan- 
sith,  no  (mar  a  their  na  Spioradalaich) 
"  medimn "  aig  an  robh  "  control "  no 
spiorad-riaghlaidh.  Rainig  e  a'  bhean  so  air 
an  oidhche,  agus  thuirt  e,  "  Tog  suas  dhomh- 
sa  esan  a  dh'  ainmicheas  mi  dhuit."     Thuirt 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN   LATHA  AN  DIUGH 


ise,  "  Co  thogas  mi  a  nios  dhuit  ?  "  Arsa 
Saul,  "  Tog  a  nios  dhomh  Samuel."  Agus 
chunnaic  a'  bhean  spiorad  Shamuel — "  chun- 
naic  mi,"  ars'  ise,  "  diathan  a'  teachd  a 
nios  as  an  talamh  ....  seann  duine  .... 
comhdaichte  le  falluinn."  Chuir  an  sealladh 
eagal  air  a'  mhnaoi,  agus  thuirt  spiorad 
Shamuel  ri  Saul,  "  Car  son  a  chuir  thu  dragh 
orm  le  m'  thoirt  a  nios  ?  "  An  sin  labhair 
Samuel  ri  Saul  teachdaireachd  a  bha  searbh 
da  rireabh,  eadhon  binn-bhais  air  fhein 
agus  air  a  mhic. 

Ann  an  doigh  no  dha  tha  an  ni  so  a 
thachair  aig  Endor  coltach  ris  na  bhitheas 
a'  tachairt  aig  "  Seances  "  nan  Spioradalach, 
ach  ann  an  doighean  eile  tha  e  gu  tur  eadar- 
dhealaichte,  agus  'n  am  bharail-sa  co  dhiii 
tha  tri  nithean  gle  shoUleir  bho  'n  tachartas 
so  aig  Endor.  (1)  Chan  'eil  spioradan  tiam 
marbh  deonacji  a  bhi  air  an  gairm  air  ais  a 
labhairt  ris  na  beothaibh;  nach  d'  thuirt 
Samuel,  "  Car  son  a  chuir  thu  dragh  orm  ?  " 
(2)  'S  e  ni  cunnartach  a  tha  ann  a  bhi  ag 
iarraidh  eolais  bho  na  mairbh  :  cha  mhor  a' 
bhuannachd  a  bha  ann  do  Shaul.  (3)  'S 
e  neach  a  tha  an  deidh  a  chiil  a  chur  ri  Dia 
a  dh'  iarras  comhfhurtachd  bho  spioradan 
nam   marbh. 

Chan  fhaic  mise  gu'm  bheil  taic  sam  bith 
's  a'  Bhiobull  air  son  teagasgan  is  cleasan 
nan  Spioradalach,  ach  tha  moran  anns  a' 
Bhiobull  a  tha  gu  tur  'n  an  aghaidh.  A 
thaobh  nam  marbh  feumaidh  sinn  a  radh, 
mar  a  thuirt  Daibhidh  an  uair  a  bhasaich  a 
leanabh.  "  A  nis  o  fhuair  e  bas,  car  son 
a  thraisginn  1  An  urrainn  mi  a  thoirt  air 
ais  tuilleadh  ?  Theid  mise  d'a  ionnsaigh- 
san,  ach  cha  phill  esan  am  ionnsaigh-sa  " 
(2  Samuel  xii.  23).  Cha  tainig  e  riamh  a 
stigh  air  Daibhidh  gu  'm  faodadh  teach- 
daireachd tighinn  d'a  ionnsaigh  bho  'n  neach 
a  bha  marbh. 

Rabhadh  o'n  Bhiobull 

'S  ann  a  tha  Facal  Dhe-a'  toirt  rabhaidh 
dhaibh-san  "  a  theid  a  thaobh  a  dh  'ionnsaigh 
muinntir  aig  am  bheil  leannain-shith,  agus 
a  dh'  ionnsaigh  luchd-fiosachd  "  (Lebh.  xx. 
6).  Tre  bheul  Isaiah  (viii.  19-20)  tha  Dia 
ag  radh  :  "  An  aite  a  bhi  ag  iarraidh  chum 
nam  ban-fhiosaichean  agus  chum  nan  druidh- 
eau,  muinntir  a  ni  bideil  agus  borbhanaich, 
is  ann  a  bu  choir  do  shluagh  iarraidh  an  De. 
An  ann  a  dh'  iarradh  iad  a  chum  nam  marbh 
an  aite  nam  beo  ?  Iarradh  iad  a  chum  an 
lagha  agus  a  chum  na  fianuis  :  mur  labhair 
iad  a  reir  an  fhocail  so,  's  ann  a  chionn  nach 
'eil  solus  annta." 

Ann  an  cosamhlachd  a  labhair  Criosd 
(Lucas  xvi.  19-31)  tha  sinn  a'  leughadh  mu 


dhuine  saoibhir.  Ann  an  ifrinn  dh'  iarr  e 
gu  'n  rachadh  neach  bho  na  mairbh  a 
dh'  ionnsaigh  a  bhraithrean  a  bha  fhathast 
air  thalamh,  gus  rabhadh  a  thoirt  dhaibh 
a  chum  's  gu'n  deanadh  iad  aithreachas. 
Ach  b'  i  so  an  fhreagairt  a  fhuair  e,  "Mur 
eisd  iad  ri  Maois  agus  ris  na  faidhean,  cha 
mhotha  a  chreideas  iad  ged  dh'  eireadh 
neach  o  na  mairbh."  Mar  sin,  co  dhiu  tha 
no  nach  'eil  e  an  comas  do  na  mairbh  eolas 
a  thoirt  do  na  beothaibh,  chan  urrainn 
dhaibh  eolas  a  thoirt  a  tha  a  chum  maith  no 
buannachd  ann  an  seagh  spioradail. 

D'an  taobh-san  aig  am  bheil  an  earbsa 
agus  am  muinighinn  anns  an  t-Slanuighear, 
chan  'eil  feum  no  iarrtus  aca  a  bhi  sireadh 
eolais  o  na  mairbh,  air  an  sgath  fein  no 
air  sgath  luchd  an  graidh  nach  maireann. 
Is  leoir  dhaibh  facal  lom  agus  cinnteach 
Chriosd.  "  Do  bhrigh  gu  'm  bheil  mise 
beo,  bithidh  sibh-se  beo  mar  an  ceudna, " 
(Eoin  xiv.  19).  "Is  mise  an  aiseirigh  agus 
a'  bheatha  :  an  ti  a  chreideas  annam-sa, 
ged  gheibheadh  e  bas,  bithidh  e  beo  :  agus 
ge  b'e  neach  a  tha  beo,  agus  a'  creidsinn 
annam-sa,  chan  fhaigh  e  bas  am  feasd " 
(Eoin  xi.  25-26). 

Sin  a'  bhunait  air  am  bheil  sinn  a'  socrach- 
adh  ar  creidimh  anns  a'  bheatha  mhairean- 
naich,  agus  chan  ann  air  bideil  agus  borbh- 
anaich nan  Spioradalach.  Tha  sinn  a' 
taiceachadh  air  an  Tighearna  losa  Criosd, 
neach  a  bha  beo  agus  a  fhuair  bas  agus 
a  dh'  eirich  a  rithisd  le  buaidh  os  cionn  na 
h-uaighe.  Chreach  e  an  uaigh  agus  thug 
e  an  gath  as  a'  bhas,  agus  tha  e  a'  comh- 
pairteachadh  na  buadha  sin  r'a  shluagh 
fhein.  B'ann  air  a'  bhunait  so  a  bha  Pol  a' 
togail.  "  Tha  deagh  mhisneach  againn," 
ars  esan,  "  agus  bu  roghnaiche  leinn  gu  mor 
a  bhi  air  choigrich  as  a'  choluinn,  agus  a  bhi 
lathair  maille  ris  an  Tighearna "  (2  Cor. 
V.  8).  Bha  e  "  togarrach  air  siubhal  agus  a 
bhi  maille  ri  Criosd,  oir  is  e  so. as  ro  fhearr 
(Philip,  i.  23).  Cha  b'ami  ann  an  "  Seance  " 
no  bho  "  Mhedium  "  a  fhuair  e  a'  chinnte 


GomMhurtacM  a'  BhiobuiU 

Tha  moran  cheistean  ann  a  bhitheas  sinn 
a'  cur  mu  'n  bheatha  shiorruidh,  ach  tha 
Dia  'n  a  ghliocas  a'  cur  sgaUe  air  na  nithean 
diomhair  sin.  'S  e  so  cuspan  nach  gabh 
a  chur  an  ceill  gu  buileaeh  ann  am  briathran 
talmhaidh  no  aimsireil.  "  Chan  fhaca  suil,- 
agus  cha  ehuala  cluas,  agus  cha  tainig  ann  an 
cridhe  duine,  na  nithean  a  dh'  uUuich  Dia 
dhaibh-san  aig  am  bheil  gradh  dha  (1  Cor.  ii. 
9).  "Cha  bhiacras  orra  tuilleadh ,  no  tart  na  's 
mo  ;    cha  mho  a  bhuaileas  a'  ghrian  orra 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


no.  teas  air  bith.  Oir  beathaichidh  an  t- 
Uan  a  tha  ann  am  meadhon  na  righ-chaith- 
reach  iad,  agus  treoraichidh.  e  iad  gu  beo- 
thobraichibh  uisge  :  agus  tiormaichidh  Dia 
gach  deur  o  'n  suilibh  "  (Taisb.  vii.  16-17). 
Bitheamaid  ag  amharc  ri  sin  agus  ag  uUucH- 
adh  fa  chomhair,  agus  bitheamaid  ag  earbsadh 
luchd  ar  graidh  nach  maireann  ri  trocair  an 
De  bheo  "  gus  am  bris  an  latha  agus  an  teicb. 
na  sgailean."  Le  bhi  trie  ri  urnuigh,  agus 
aig  cathair-grais  gheibh  sinn  barrachd  cinnte 
mu  Chomh-chomunn  nan  Naomh.  An  sin 
cha  bhi  sgail  a'  bhais  dhuinn  ach  mar  bhrat- 
roinn  a  tha  fas  na  's  taine,  gach  latha  gus 
fa-dheoidh  an  reubar  e  romhainn  mar  an 
ceudna,  agus  "  sasuichear  sinn  an  uair  a 
dhiiisgeas  sinn  le  a  choslas  (Salm  xvii.  15), 
agus  chi  sinn  gniiis  ri  gniiis. 

"  Ma  's  anns  a'  bheatha  so  a  mhain  a  tha 
dochas  againn  ann  an  Criosd,  is  sinn  as 
truaighe  de  na  h-uile  dhaoine  "  (1  Cor.  xv.  9), 
ach  "  buidheachas  do  Dhia  a  tha  toirt 
dhuinne  na  buadha  tre  ar  Tighearna  losa 
Criosd  "  (I  Cor.  xv.  57),  "  a  chuir  as  do  'n 
bhas,  agus  a  thug  beatha  agus  neo-bhasmh- 
orachd  chum  soluis  tre  an  t-soisgeul " 
(2  Tim.  i  10).  "  Gu  ma  beannaichte  gu  'n 
robh  Dia  agus  Athair  ar  Tighearna  losa 
Criosd,  neach  a  reir  a  mhor-throcair,  a  dh' 
ath-ghin  sinne  gu  beo-dhochas,  tre  aiseirigh 
losa  Criosd  o  na  mairbh,  chum  oighreachd 
neo-thruaillidh  agus  neo-shalaich  agus  nach 


searg  as,  a  tha  air  a  tasgadh  's  na  neamhan 
dhuibhse,  a  tha  air  bhur  coimhead  le  cumh- 
achd  Dhe  tre  chreideamh  chum  slainte,  a  tha 
uUamh  r'a  foillseachadh  's  an  aimsir  dheir- 
eannaich  :  ni  anns  am  bheil  sibh  a'  deanamh 
mor-ghairdeachais,  ged  tha  sibh  a  nis  re 
uine  bhig  (ma  's  feumail  e)  fo  thuirse  tre 
iomadh  buaireadh  "  (1  Peadar  i.  3-7). 

Car  son .  sin  a  bhiodh  gnothuch  againn 
ris  na  Spioradalaich  agus  an  cleasan  dorcha 
oillteil  ?  Gu  de  a  tha  aca-san  dhuinn  an 
coimeas  ■  ris  na  tha  Facal  Dhe  a'  tairgse  ? 
Seachnamaid  na  "  Seances "  agus  gach 
cuUtearachd  spioradail  de  'n  t-seorsa  sin. 
Nochdamaid  do  'n  t-saoghal  gu'm  bheil 
againn  ann  an  Criosd  na  tha  ar  n-anam  ag 
iarraidh  air  son  na  beatha  so  agus  air  son 
na  beatha  ri  teachd. 

"  Ann  an  tigh  m'  Athar-saJ'.  thuLrt 
Criosd,  "  tha  iomadh  aite-comhnuidh  :  mur 
bitheadh  e  mar  sin,  dh'  innsinn-sa  dhuibh. 
Tha  mi  dol  a  dh'  ulluchadh  aite  dhuibh  .  .  . 
Na  bitheadh  bhur  cridhe  fo  thrioblaid,  agus 
na  bitheadh  eagal  air  "  (Eoin  xiv.  2,  27). 
. "  Tha  mo  chaoraich-sa  ag  eisdeachd  ri 
m'  ghuth,  agus  is  aithne  dhomh  iad,  agus 
leanaidh  iad  mi ;  agus  bheir  mi  a'  bheatha 
mhaireannach  dhaibh,  agus  cha  sgriosar  iad 
am  feasd,  ni  mo  a  spionas  neach  air  bith 
as  nio  laimh  iad  "  (Eoin  x.  27-28), 

Is  leoir  leinn  sin. 


Freasdal 


THA  oirdheirceas  am  freasdal  Dhe 
'S  a  bheil  an  cruinne-ce  air  fhOleadh, 
Tha  'n  Ti  a  chruthaich  fonn  is  cuan 
'S  gach  ni  tha  gluasad  anns  a'  chruione, 
'Measgachadh  'n  a  choibhneas-graidh 
Cuibhrionn  laitheil  do  gach  duine, 
'G  ulluchadh  do  'n  eun  a  Ion, 
Is  trusgan  boidheach  do  'n  a  lili. 

Tha  cuid  a'  faighinn  luibhean  searbh, 
A  tha  cur  dearbhaidh  air  an  spiorad. 
Is  tha  cuid  eile  o'm  breith  gu  'm  bas 
Le  'n  cupain  Ian  de  nithibh  mills, 
Ach  tha  ruintean  seasmhach  Dhe 
'N  an  altaibh  dluth  's  a'  chursa  shuidhte, 
'S  an  uair  a  sgapar  uainn  na  neoil, 
Chi  sinn  gloir  a  ghraidh  's  a  ghliocais. 


Faodaidh  clann  an  Tighearn  earbs', 

Nach  deanar  dearmad  orr'  le  'ti  Athair, 

Tha  shuil  a  ghnath  orra  bho  neamh, 

Is  leir  dha  gach  feum  is  cunnart, 

Ged  a  bhiodh  iad  lag  is  fann 

Is  dall  air  chor  's  nach  faic  iad  tobar, 

Tha  e  fosgailte  ri  'n  taobh, 

Na  'n  Itibadh  iad  an  gliiin  gu  tarruing. 

Ma  bheir  athair  peacach  borb, 
Nithean  iomchuidh  d'a  chuid  cloinne, 
Cha  toir  e  nathair  air  son  eisg, 
Na  clach  nuair  dh'  iarras  iad  air  aran, 
Bheir  'ur  'n  Athair-sa  'n  a  ghradh 
Dhuibh  'ur  sath  de'n  mhanna  fholuicht 
'S  glainne  phaUt  de'n  uisge  bheo 
Chuireas  neart  is  ceol  'n  ar  n'an'am 


'S  coibhneil  fialaidh  E  le  laimh, 

'N  aghaidh  aingidheachd  is  ceannairc, 

'SgaoUeadh  cuirm  mar  High  na  Gloik. 

A  chum  a  bheil  gach  seors'  'g  an  cuireadh, 

'S  truagh  an  dream  a  tha  cho  faoin 

'Deanamh  dimeas  air  a  chothrom, 

^S  nach  fhada  gu  'm  bi  'n  dorus  diiinte 

Is  cha  toir  urnuigh  thuca  furtachd. 


An  t-Urramach  Murchadh  Mac  Aoidh. 


Turus  gu  Astralia 

Leistan  Ollamh  Edghan  G.  Mac  Fhraing. 
{an  dara  earrann) 


CHA  robh  shin  ach  beagati  laithean  air  tir 
an  uair  a  fhuair  mi  cuireadh  gu  coinneamh, 
Comunnan  Gaidhealach  Victoria  a  bha  ri 
bhi  air  a  gleidheil  ann  an  talla  mor  luchd- 
riaghlaidh  a'  bhaile.  Agus  bi  sin  a'  choin- 
neamh !  Bha  iad  a  Leodhus,  a  Uidhist,  as 
an  Eilean  Sgitheanach,  a  Loch-abar,  a 
Muile,  a  Cinntire.  Thainig  cuid  de  'n 
chuideachd  ceud  mile  gu  bhi  tachairt  air 
seana  chahdean  agus  a  bhi  cur  eolais  air 
cairdean  ura.  Agus  's  ann  ann  a  bha  an 
sunnd,  an  cridhealas,   agus  an  t-aighear! 

B'  e  ceann  na  cotnnimh  duin-uasal  a  dh' 
fheuch  aig  aon  am  a  bhi  air  a  thaghadh  mar 
Bhall-Parlamaid  air  son  Eileanan-an-iar  na 
Gaidhealtachd.  Bha  a  dhachaidh  a  nis  ann 
an  Astraha  agus  Gallda  's  mar  bha  e,  dh' 
ionnsuich  e  canain  nan  Gaidheal,  agus  cha 
robh  ni  a  bha  toirt  a  leithid  de  thoil-inntinn 
dha  ri  bhi  a'  cur  air  aghart  ire  nan  Gaidheal 
anns  an  duthaich  anns  an  robh  a  nis  a 
dhachaidh. 

Beagan  laithean  an  deidh  so  fhuair  mi 
cuireadh  gu  cuirm  fhlathail  a  bha  air  a  h- 
ordachadh  gu  bhi  cur  furan  orm,  ann  an 
aon  de  na  seomraichean  ann  an  togail  's 
a'  bhaile  a  tha  air  a  chur  air  leth  air  son 
companas,  agus  thachair  mi  an  so  ri  daoine 
a  thug  dhomh  tairgse  aoidheachd  de  gach 
seorsa. 

Melbourne 

Tha  suas  ri  deich  ciad  mile  pearsa  ann  am 
Melbourne,  agus  tha  na  criochan  a'  sineadh 
deich  mile  o  thaobh  gu  taobh .  Tha  carbadan- 
iaruinn  agus  carbadan-sraid  a'  frithealadh 
gach  cearna. 

Ann  am  meadhon  a  bhaile  tha  biithan 
mora  riomhach  air  an  luchdachadh  leis 
gach  stuth  a  tha  ri  bhi  ri  fhaotainn  ann  an 
Lunnainn  no  an  Dun-eideann,  agus  tha  na 
sraidean  farsuing  ordaU  mar  tha  'n  a  leithid 
eile   de   bhaile   's   an  Roinn-Eorpa. 

Tha  abhainn  mhor — an  Yarra — a'  ruitn 
troimh  Mhelbourne  mar  a  tha  Cluaidh  a' 
ruith  troimh  Ghlaschu.  Tha  ceann-shuas 
na  h-aimhne,  air  son  fichead  mile,  leathann 
seimh,  domhain,  agus  tha  sgioba  beag 
bhataichean  a'  seoladh  a  h-uile  latha  an  so, 
air  astar  aibhne  cho  grinn  's  a  dh'  iarradh 
duine  fhaicinn. 

Tha  e  'n  a  fhianuis  air  tapadh  agus 
smioralas  nan  daoine  gu  'm  bheil  baile  cho 
mor,  le  tighean  cho  snasmhor  agus  uidheam 
cho  taitneach  air  a  thogail  ann  an  uine  cho 


goirid  oir  cban  'eil  moran  tuillidh  air  ciad 
bliadhna  bho  nach  robh  clach  air  muin 
cloiche  air  an  larach. 

Cuimhneachan  a'  chogaidh 

Tha  cuimhneachan  air  na  laoich  a,  bhuin- 
eadh  do  Victoria  agus  a  chaill  am  beatha 
anns  a'  chogadh  mu  dheireadh  (1914-18) 
air  a  thogail  air  aonach  aillidh  an  taobh  a 
muigh  de  'n  bhaile  agus  a  chithear  air  son 
miltean  mu  'n  cuiart.  Tha  ni  sonruichte 
mu  'n  chuimneachan  so.  Tha  beam  anns 
a'  bhalla  troimh  am  bheil  gath-greine  a' 
dealrachadh  air  an  aona-Ia-deug  de  'n 
aona-mhios-deug  's  a'  bhliadhna  a  tha  a' 
soUlearachadh  cuimhneachan  gradhach  a 
tha  'n  a  luidhe  ann  an  teas-mheadhoin  na 
naomh-  chobhan . 

Mar  dhearbhadh  air  an  taobh  a  tha  aig 
muinntir  Astralia  ris  an  t-seann  diithaich 
cheannaich  iad  an  tigh  ann  an  Sasunn  anns 
an  d'  rugadh  an  seoladair  ainmeil,  Seumas 
Cook,  a  rinn  greim  air  Astralia  air  a  leithid 
de  dhoigh  agus  gu  'n  d'  thainig  an  diithaich 
fo  chriin  Bhreatuinn,  agus  chaidh  an  tigh 
a  ghiiilan,  mir  air  mhir,  gu  Astralia  agus 
an  sin  chaidh  a  thogail  as  ur  air  ailean 
grinn  ann  an  Melbourne  air  an  aon  deilbh 
's  a  bha  e  air  a  thogail  ann  an  Sasunn  anns 
,  an  ochdamh  linn  deug,  gu  bhi  'n  a  chuimh- 
neachan  gu  latha  Luain  do  mhuinntir 
Astralia  air  treunadas  an  duine  ghaisgeil 
so  agus  a'  chomain  a  tha  muinntir  Astralia 
a'  faireachduinn  dha. 

Bendigo 

Bho  Mhelbourne  chaidh  mi  steach  gu 
meadhon  na.  duthcha  gu  baile  ris  an  canar 
Bendigo.  Ann  an  so  chuir  mi  eolas  air  an 
obair  a  tha  dol  air  aghart  ann  a  bhi  spuin- 
neadh  an  oir  as  an  talamh.  Tha  obair 
mhor  de  'n  t-seorsa  so  a'  dol  air  aghaidh 
anns  a'  bhaUe  so.  Tha  an  t-6r  'n  a  shradan 
ann  an  sgealban-chreige  a  tha  dol  fo  'n 
talamh  ann  an  cuid  de  aitean  miltean 
troighean,  agus  is  e  obair  nan  spilinnead- 
airean  a  bhi  leantuin  nan  sgealbain-chreige 
gu  bhi  faotainn  an  oir  asda. 

'S  ann  mar  so  tha  iad  a'  dol  mu  'n  ghnoth- 
uch. 

Tha  iad  a'  deanamh  toll  anns  an  talamh 
gus  an  ruig  iad  aon  de  na  sgealban-chreige 
anns  am  bheil  an  t-6r.  Tha  an  toll  cho 
farsuing  agus  gu  'n  ruith  creathall  suas  agus 
a  nuas  air.    Tha  luchd-oibre  a'  dol  sios  anns 


TURUS  GU  ASTRALIA 


a'  chreathaill  agus  a'  sgaradh  nan  sgealban- 
chreige  anns  am  bheil  an  t-6r  bho  na  creagan 
a  tha  mu  'n  cuairt  orra.  Tha  na  clachan 
oir  an  sin  air  an  cur  suas  air  a'  chreathall 
gu  muileann-bualidh  a  tha  air  a  shuidh- 
eachadh  air  lar  freagarrach  air  tir  mor, 
agus  tha  iad  air  am  pronnadh  agus  air  am 
meanbh-phronnadb.  anns  a'  mhuileann  gus 
am  bheil  iad  'n  an  clabar.  An  sin  tha  an 
clabar  air  a  ghiixlan  gu  mullach  buird 
leathann  fharsuing  a  tha  luidhe  air  leth- 
char.  Tha  am  bord  so  air  uidheamachadh 
air  son  an  aobhair  air  son  am  bheil  e  air  a 
chur  air  leth.  Tha  claisean  caol  air  an 
gearradh  bho  thaobh  gu  taobh  air  a'  bhord 
agus  tha  na  claisean  so  air  an  lionadh  le 
beo-airgiod.  Tha  steall  freagarrach  uisge 
an  sin  air  a  dhireadh  air  a  chlabar  agus  mar 
tha  an  t-uisge  a'  sgaoileadh  a'  chlabair  thairis 
air  a  bhord  tha  am  beo-airgiod  a'  greimeach- 
adh  orra  agus  a'  gleidheil  nan  sradan  oir 
mar  tha  iad  a  dol  seachad,  agus  tha  a  chuid 
eile  de  'n  chlabar  air  a  ghiulan  air  falbh  gu 
bhi  luidhe  'n  a  thorr  ri  taobh  a'  mhuilinn. 
Tha  an  t-6r  an  sin  air  a  ghlanadh  bho  'n 
bheo-airgiod  agus  tha  spiiinneadairean  gle 
thoilichte  ma  gheibh  iad  imnsa  oir  as  gach 
tunna  clabair  a  theid  thairis  air  a'  bhord- 
ghlanaidh. 

Tha  e  furasda  a  thuigsinn  gu  'm  bheil 
moran  cosduis  co-cheangailte  ri  saothair  de 
'n  t-seorsa  so.  Tha  moran  luchd-oibre  air 
thuarasdal,  tha  goireasan  a  dhith,  tha 
beartan  agus  innleachdan  ri  bhi  air  an 
cumail  air  doigh,  agus,  ni  a  tha  ann  an  cuid 
de  aitean  gle  dhraghail,  uisge  a'  cruinneach- 
adh  anns  na  tuill  a  dh'  fheumas  beartan 
a  bhi  'g  a  tharruing  bho  'n  doimhne,  agus 
OS  cionn  gach  ni  eile  tha  feum  air  daoine 
sgileil  foghluimte  a  bhi  a'  socrachadh  nan 
aitean  anns  an  f  hearr  na  tuill  f  hosgladh  agus 
anns  am  bheil  am  barrachd  oir. 

Dachaidh  mo  shinnsir 

Chaidh  mo  sheanair  agus  mo  shean- 
mhathair  leis  a'  chuid  eile  de  'n  teaghlach 
ach  m'  athair  gu  Astralia  anns  a'  bhliadhna 
1852  agus  tha  teaghlach  brathar-athar  dhomh 
a  chomhnviidh  anns  an  t-seann  dachaidh 
anns  an  do  chaochail  na  seann  daoine. 
Tha  craobh  ri  taobh  an  dorus,  a  tha  cho 
mor  ri  craobhan  Lebanoin  agus  bha  e  air 
ionnseadh  dhomh  gur  trie  a  chuir  na  seann 
daoine  agus  an  cuideachd  aoibheil  6g  am 
feasgar  seachad  ann  am  fionnarachd  an  la 
aig  dol  fodha  na  greine  fo  fhasgadh  sgaile 
na  craoibhe  so. 

Tha  duthaich  fharsuing  ri  fhaicinn  bho 
'n  dorus,  agus  tha  dachaidh  an  so  far  am 
bheil  aoidheachd  agus  cairdeas  agus  cridh- 


ealas,  gradh  agus  blaths,  a  mheal  na  h- 
oghachan  bho  an  sinnisr  a'  feitheamh  air 
neach  sam  bith  a  theid  a  steach  air  an 
dorus. 

Ach  bha  an  iiine  a'  ruith  agus  b'  fheudar 
dhomh  bhi  dol  air  aghaidh  le  mo  thurus. 

Sheol  sinn  ann  am  bata-smuid  bho  Mhel- 
bourne  gu  tuath  air  taobh  an  ear  Astralia 
agus  an  deidh  dhuinn  seoladh  air  son  ceithir 
laithean  a  latha  's  a  dh'  oidhche  rainig  sinn 
Brisbane  a  tha  anns  an  Roinn  ris  an  canar 
Fearanh-na-Banrigh  (Queensland).  Is  e 
so  priomh-bhaile  na  Roinne,  agus  tha  e  air 
a  shuidheachadh  air  abhainn  Brisbane  mu 
fhichead  mile  o  bheul  na  h-aibhne.  Ann 
an  so  chuir  mi  suas  le  caraid  fialaidh  air 
an  robh  mi  eolach  mu  'n  d'  fhag  iad  Albainn. 
Cha  b'  urrainn  dhaibh  tuilleadh  coibhneis 
a  nochdadh  dhomh  na  rinn  iad.  Thug  iad 
mi  mu  'n  cuairt  a  dh'  fhaicinn  seallaidhean 
a'  bhaile,  agus  chaidh  sinn  aon  latha  ann  an 
carbad-olaidh  gu  bhi  faicinn  measan  a'  fas 
mar  a  tha  iad  a'  fas  anns  an  h-Innsean. 

Bha  sinn  a  nis  fada  tuath  agus  mar  as 
fhaide  tuath  a  tha  thu  dol  is  ann  as  blaithe 
a  tha  e  a'  fas.  Tha  cearnan  de  Fhearann- 
na  Banrigh  a  tha  cho  teth  's  a  tha  na  h- 
Innsean,  agus  fasaidh  cuilcean  siiicair  anns 
na  cearnan  sin  mar  a  tha  iad  a'  fas  anns  na 
h-Innsean-an-iar. 

An  teas 

Tha  an  teas  anns  na  criochan  sin  cho 
dian  agus  nach  urrainn  do  dhaoine  bhi 
saothaireachadh  annta  nach  'eil  air  an 
cleachdadh  ri  teas.  Aig  aon  am  thug  an 
luchd-riaghlaidh  daoine  dubh  as  na  h- 
eileanan  gu  bhi  deanamh  na  h-oibre  co- 
cheangailte  ri  bhi  fas  an  t-siiicair  ach 
thoisich  moran  air  a  bhi  gearan  gu  'n  robh 
iad  so  air  an  oibreachadh  mar  thraillean 
agus  b'  fheudar  do  'n  luchd-riaghlaidh  stad 
a  chur  air  an  doigh  oibre  so,  agus  rinn  iad 
cordadh  ri  luchd-riaghlaidh  na  h-Eadailt 
air  son  deich  mile  pearsa  a  bhi  a'  deanamh 
an  dachaidhean  anns  an  duthaich  so  gu  bhi 
deanamh  na  h-oibre  so.  Agus  's  ann  mar 
so  a  tha  an  obair  air  a  giulan  air  aghart  air 
an  la  diugh. 

Tha  farsuingeachd  mhor  anns  an  Roinn 
so  de  Astralia  agus  tha  na  ciadan  miltean 
de  f  hearann  air  taobh  cuil  na  duthcha  a  tha 
air  an  toirt  thairis  gu  bhi  beathachadh 
spreidhe  a  tha  air  an  reic  agus  air  am  marbh- 
adh  agus  air  an  uidheamachadh  mar  Ion 
do  shluagh  fheumach  an  t-saoghail.  Tha 
na  buachaillean  air  am  bheil  ciiram  na  buara 
a'  marcach  air  eich  nuair  a  tha  iad  air 
cheann  an  gnothuich. 


TURUS  GU  ASTRALIA 


Ann  an  so  feudaidh  mi  ainmeachadh  da 
chruadail  a  tha  co-cheangailte  ri  obair  na 
tuatha  's  an  dilthaich  so  ;  anns  a'  cheud 
aite  cion  uisge,  agus  anns  an  dara  aite 
fearann-teine. 

Tachraidh  gu  bheil  cearnan  caochlaideach 
nach  fhaic  fras  uisge  air  son  tiine  fhada  agus 
uidh  air  n-uidh  tha  am  feur  a'  fas  gann  gus 
mu  dheireadh  ma  leanas  an  tiormachd  fada 
gu  leor,  gu  bheil  a  h-uile  mir  dheth  gorm, 
agus  crionaichte  air  itheadh,  agus  tha  an 
talamh  cho  lom  ri  bois  do  laimhe.  Aig  am 
mar  sin  tha  miltean  de  chaoraich  a'  basach- 
adh  le  acras. 

Tiormachd 

Ann  a  bhi  a'  feuchainn  ri  bhi  meatachadh 
na  deuchainn  bidh  buachaillean  a'  gearradh 
meanglain  chraobhan  far  am  bheil  iad  ri 
f  haotainn  agus  'g  am  f agail  air  an  lar  a  chum 
agus  gu  'm  bi  cothrom  aig  na  h-ainmhidhean 
bochd  a  bhi  ag  itheadh  nan  dui|leagan  a  tha 
orra. 

Tha  doigh  eUe  anns  am  bheil  na  h-uach- 
darain  a'  feuchainn  ri  bhi  liighdachadh  an 
call.  Ma  dh'  fbaoite  gu  bheil  cearnan  fad 
air  falbh  anns  am  bheil  pailteas  feoir  a 
chionn  gun  d'  thainig  bristeadh  an  sin  air  an 
t-sid  agus  tha  buachaillean  air  an  cur  a  mach 
leis  an  spreidh  air  rathadan-mora  a  tha  air 
an  comharrachadh  a  mach  air  feadh  na 
diithcha,  agus  a  tha  fosgailte  do  neach  sam 
bith  a  dh'  iarras  a  bhi  'g  an  gabhail,  gu  bhi 
ruigheachd  nan  aitean  sin  agus  gu  bhi 
paidheadh  ionaltradh  air  an  son  gus  an  tig 
fuasgladh  orra  'n  an  ionaltradh  fein,  Corr 
uair  gabhaidh  na  treudan  miosan  •  air  an 
rathad,  a'  tighinn  beo  air  na  gheibh  iad  ri 
itheadh  ri  taobh  na  slighe. 

Gnothuch  eile  a  dh'  fheudas  mi  ainmeach- 
adh a  tha  co-cheangailte  ris  a'  chruaidh-chas 
so. 

Bha  e  air  a  thoirt  fanear  gu  'm  bi  ainmh- 
idhean  beo  na  's  fhaide  na  'm  biodh  uisge 
aca  ri  61  ged  nach  biodh  biadh  aca  ri  itheadh 
agus  gu  bhi  faotainn  buannachd  bho  'n 
chor  so  tha  moran  de  'n  tuath  a'  tionndadh 
ghlacan  freagarrach  'n  an  oighreachdan  gu 
bhi  'n  an  lochain  a  tha  air  an  lionadh  le 
uisge  ri  linh  brisheadh  na  side,  agus  'g  an 
dion  le  criadh  laidir  agus  'g  an  cumail  gu 
faicilleach  fa  chomhair  la  na  h-eigin.  Tha 
iad  mar  an  ceudna  a'  tolladh  's  an  talamh 
gu  bhi  ruigheachd  uisge  anns  an  doimhne 
agus  'g  a  tharruing  gu  aghaidh  na  talmhainn, 
agus  mur  so  tha  moran  lasachaidh  ri  fhao- 
tainn  air  cruais  na  tiormachd,  agus  is  e  mo 
bheachd-sa  mar  as  mo  tha  na  criochan  air 


an  aiteachadh  gur  ann  is  mo  a  bhitheas 
tarruing  air  a  dheanamh  air  an  ulaidh 
dhiomhair  so. 

Bu  choir  a  bhi  toirt  fanear  fad  na  h-iiine 
anns  am  bheil  an  tiormachd  a'  marsinn  gu. 
'm  bheil  freumhan  agus  por  an  fheoir  a' 
luidhe  's  an  talamh  gu  fallain  smioraU,  agus 
aon  uair  's  gu  'n  tig  an  t-uisge  ann  an  beagan 
laithean  tha  fiamh-guirme  ri  bhi  air  fhaicinn 
air  aghaidh  na  talmhainn  agus  ann  an 
beagan  laithean  eile  tha  pailteas  feoir. 

Teine 

Is  e  an  dara  cruadal  a  dh'  ainmich  mi — 
fearann-teine.  Tha  so  'n  a  chunnart  eaga- 
lach.  Tha  aitean  far  am  bheil  preasan 
tiugh,  agus  ann  an  teas  an  t-samhraidh- 
lasaidh  an  rud  as  lugha  teine  'n  am  measg 
agus  ma  tha  a'  ghaoth  a'  seideadh  tha  an 
lasan  a'  faotainn  greim  agus  air  falbh 
gabhaidh  e  'n  a  dhian  ruith  leis  a'  ghaoith 
gun  chumhachd  air  thalamh  a  chuireas 
stad  ah  gus  am  bheil  gach  ni  a  tha  roimhe 
'n  a  smiiireach.  Is  trie  a  tha  an  teine  a' 
deanamh  leir-sgrios  air  tighean  agus  fearann, 
air  crodh  's  air  caoraich,  aig  astair  mor  bho 
'n  aite  anns  an  do  thoisich  e,  agus  tha  cunntas 
againn  air  daoine  agus  dachaidhean  a  bhi 
air  an  cuartachadh  gun  doigh  air  teicheadh 
bho  'n  uamhas. 

Sydney 

Bho  Brisbane  chaidh  sinn  gu  Sydney,  agus 
is  e  so  am  baile-mor  mu  dheireadh  a  bha 
sinn  gu  bhi  faicinn.  Tha  e  'n  a  phort 
ainmeil.  Tha  moran  de  'n  bheachd  gur  e 
am  port  as  grinne  's  an  t-saoghal.  Tha 
corr  is  deich  ceud  mile  de  shluagh  ann  agus 
is  e  priomh-bhaUe  anns  an  Roinn  ris  an 
canar  a'  Chuimrich-nuadh-dheas  (New  South 
Wales).  Tha  Caol  cumhann  a'  direadh  a 
steach  do  'n  phort  agus  tha  rudhachan  agus 
camusan  grinn  an  sud  's  an  so  air  a'  chaol. 
Tha  doimhneachd  uisge  anns  a'  chaol  a 
ghiiilanas  bata  sam  bith  agus  tha  bataichean 
as  gach  cearna  de  'n  t-saoghal  a'  seoladh  as. 

'S  e  so  am  port  as  mo  ann  an  Astralia, 
agus  tha  barrachd  marsantachd  a'  dol 
troimhe  na  tha  dol  troimh  bhaile  eile  's 
an  duthaich.  Tha  tighean  breagh  air  an 
togail  air  na  rudhachan  gu  snasmhor,  sreath 
air  sreath  bho  am  muUach  gu  bile  an  uisge, 
agus  tha  seallaidhean  breagh  ri  bhi  air  am 
faotainn  asda. 

Tha  na  sraidean  rianail  taitneach,  agus 
tha  bixthan  agus,  togailean  annta  cho  fiachail 
's  a  tha  r'  am  faotainn. 

{ri  leantuinn) 


Aireamh  ii 


1945 


An  aithne  nuadh 


Aithne  nuadh  tha  mi  a'  tont  dhuibh,  gu'n  gradhaich  sibh  a'  cMile  ;   mar  a  ghradhaich  ?nise 
sibhse,  gu'n  gradhaich  sibhse  a  cMile  mar  an  ceudna. —  Eoin  xiii.  34. 


THA  e  gle  iongantach  nach  'eil  iomradh 
idir  air  a  dheanamh  air  grddh  anns  na  deich 
aithntean.  Tha  iad  a'  cur  an  ceill  an  lagha 
a  thaobh  ar  dleasdanais  do  Dhia  agus  do 
dhaoine,  ach  chan  'eil  aon  fhacal  annta  nju 
ghradh.  A  thaobh  Dhe  tha  na  seann 
Sithntean  a'  teagasg  nach  coir  dhuinn  dia 
eile  a  chur  air  thoiseach  air ;  nach  coir 
dhuinn  dealbh  Dhe  a  tharruirg  ;  nach 
coir  dhuinn  ainm  naom.h  an  Tighearna 
a  thoirt  an  diomhanas  ;  ach  chan  'til  iad 
ag  iarraidh  oirnn  Dia   a  ghradhachadh . 

A  thaobh  ar  coimhearsnaich  tha  na  seann 
aithntean  a  teagasg  nach  coir  dhuinn  ar 
coimhearsnach  a  mharbhadh  ;  no  a  chuid 
a  ghoid  ;  no  breugan  a  dheanamh  uime  ; 
no  a  chuid-  a  shanntachadh  ;  ach  chan  'eil 
iad  ag  iarraidh  oirnn  ar  coimhearsnach  a 
ghradhachadh.  Chan  e  Maois  ach  Criojd 
a  theagaisg  kn  aithne  nuadh  so,  an  Aithne 
a  tha  'n  a  clach-mhullaich  os  cionn  ch^ich 
uile,  Gradhaichidh  tu  an  Tighearna  do  Dhia 
le -d'  uile  ehridhe  agus  le  d'  uile  anam,  agus 
do    choimhearsnach    mar   thu   fein. 

Mar  so  tha  e  comasach  do  dhuine  na 
seann  kitheantan  a  choimhead,  ann  an  deagh 
thomhas,  ach  fhathast  a  bhi  fada  fada  air 
falbh  bho  Chriosd  agus  bho  spiorad  an  t-sois- 
geil— "  Ged  labhrainn  le  teangaibh  dhaoine 
agus  aingeal  agus  gun  ghradh  agam,  chan 
'eil  annam  ach  neo-ni."  "  Ged  robh  gach 
uile  eolas  agam  agus  gach  uile  ghne  chreid- 
imh,  agus  gun  ghrMh  agam,  chan  'eil  tairbhe 
air  bith  dhomh  ann." 

Is  m.aith  a  thuig  an  t-abstol  Eoin  inntinn 
Chriosd  anns  a'  chiiis  so,  oir  tha  na  litrichean 
a  sgriobh  e  ag  ardachadh  a'  ghraidh  air  a 
h-uile    duilleig  : — 

An  ti  aig  a  bheil  gradh  d'a  bhj'athair  tha 
e  'n  a  chomhnuidh  's  an  t-solus. 

An  ti  a  tha  fuathachadh  a  bhrathar  tha 
e  anns  an  do?xhadas. 

Ge  b'e  neach  aig  a  bheil  maoin  an  t- 
saoghail  so,  agus  a  chi  a  bhrathair  ann 
an  uireasbhuidh,  agus  a  dhruideas  a 
ehridhe  'na  aghaidh,  cionnus  a  tha 
gradh  Dhe  a'  gabhail  cdmhnuidh  ann  ? 


Gach  neach  a  ghradhaicheas,  ghineadh 
0  Dhia  e,  agus  is  aithne  dha  Dia  ;  ach 
an  ti  nach  gradhaich  chan  aithne  dha 
Dia,  oir  is  gradh  Dia. 

An  ti  nach  gradhaich  a  bhrathair  a 
chunnaic  e,  cionnus  a  dh'  fheudas  e 
Dia  nach  faca  e  a  ghradhachadh  ? 

Tha  sinne  cho  eolach  air  na  briathran  sin 
's  nach  duisg  iad  an  diugh  an  dara  cuid 
ionghnadh  no  naire  'n  ar  cridheachan,  ach  ma 
thoisicheas  sinn  air  sinn  fhein  a  cheasnach- 
adh  ann  an  solus  an  teagaisg  so  c'  aite  a  bheil 
ar  seasamh  againn  ?  Ma  tha  thu  ann  an 
droch  rim  ri  do  choimbearsnach  c'  aite  a  bheil 
do  sheasamh  agad  ach  anns  an  dorchadas  ? 
Ma  tha  eud  no  farmad  no  fearg  no  gamhlas 
ann  ad  chrid)ie  theireadh  an  t-ab.tol  Eoin 
nach  do  rainig  thu  an  solas  fhatha.t  agus 
nach  'eil  tolas  agad  air  Dia.  Ach  tha  cog- 
uisean  Chrlosduidhean  an  diugh  air  fas  cho 
maol  's  nach  cuir  e  dragh  no  eagal  air  bith 
orra  an  aithne  so  a  bhriseadh  agus  cleach- 
dadh  Criosdail  a  bhraithreachais  a  chur  an 
suarrachas. 

An  uair  a  bha  an  t-abatol  Eoin  cho  fann 
breoite  leis  an  aois  's  nach  b'urrainne  seasamh 
air  beulaibh  coimhthionail  na  b'  fhaide  na 
m'onaid  no  dh^,  bhiodh.  na  br^ithrean  eile 
'ga  ghiulan  a  steach  do'n  choinneamh  ann 
an  cathair  agus  'g  a  chur  'n  a  shuidhe  air 
beulaibh  a'  choimhthionail,  air  ghaol  gu'm 
beannaicheadh  e  an  sluagh.  Agus  b'e  so 
na  facail  a  bhiodh  e  ag  radh  daonnan.  Mo 
chlann  bheag,  gradhaichibh  a  cheile.  Thubh- 
airt  cuid-eigin  ris  aon  1^  "  Car  son  a  tha  sibh 
ag  radh  sin  daonnan  ?  "  Fhreagair  Eoin, 
"^^Tha  a  chionn  nach  'eil  an  corr  arm  ri 
radh  ;  is  e  aithne  Dhe  gu'n  gradhaicheadh 
a  chlann  a  cheile. 

Dh'  ionnsaich  an  t-abstol  Eoin  teagasg  a 
IMhaighstir  gu  maith  ;  dh'  ionnsaich  e  gur  e 
gradh  a  bhi  anns  a'  ehridhe,  gradh  do  Dhia 
agus  do  dhaoine,  toiseach  agus  meadhon  agus 
deireadh  na  diadhaidheachd. 

Bidh  daoine  ris  nach  cord  an  teagasg  so 
a'  feuchainn  ri  duileadasan  a  chur  ann  :  their 
iad  ciamar  is  urrainn  do  dhuine  a  naimh- 
dean  a  ghradhachadh  mar  a  ghradhaicheas 


TURUS  GU  ASTRALIA 


e  a  chairdean  ;  ciamar  is  urrainn  da  a  choimh- 
earsnach  a  ghradhachadh  mar  a  ghradhaich- 
eas  e  a  mhathair  ?  Ach  b'  aithne  do  Eoin 
nadur  mhic  an  duine  a  cheart  cho  m.aith  's 
is  aitline  do  na  daoine  sin,  agus  chan 
iarradh  e  air  duine  air  bith  saltairt  air  na 
faireachduinnean  nadurra  a  chuir  Dia  'n  a 
chridhe.  Ach  is  e  an  fhirinn  nach  teid 
duine  air  bith  air  seachran  anns  a'  chilis  so. 
ma  tha  toil  cheart  aige.  Chan  'eil  Criosd  ag 
iarraidh  oirnn  an  gaol  a  tha  againn  air  ar 
mathraichean'no  air  ar  mnathan  a  thoirt  do 
choim hears nich,  ach  tha  e  ag  iarraidh  oirnn 
a  bhi  coibhneil  agus  braithreil  agus  baigheil 
riu  mar  bu  mhaith  leinn  iadsan  a  bhi  ruinn 
fhein  ;  tha  e  ag  iarraidh  oirnn  a  bhi  a' 
smuaineachadh  air  nithean  dhaoine  eile  agus 
air  cor  dhaoine  eile  cho  maith  ris  na 
nithean   againn  fhein. 

Feumaidh  sluagh  an  Tighearna  am  beatha 
a  riaghladh  le  lagh  as  airde  agus  le  lagh  as 
fhearr  na  doighean  agus  cleachdannan  an  t- 
saoghail.  Chan  'eil  maith  dhaibh  olc  iccadh 
air  son  uilc  ;  chan  'eil  maith  dhaibh  buille  air 
a'  bbuille  a  thoirt  do  dhuine  tuasaideach  no 
facal  air  an  fhacal  a  thoirt  do  dhuine  fear- 
gach.  Feumaidh  seirbhiseach  an  Tighearna 
a  bhi  ciiiin,  caomhail,  gradhach  ;  a  bhi  deas 
gu  moille  a  chur  air  a  cheum  mar  a  rinn  an 
Samaritanach  los  gniomharan  na  trocair  a 
choimhlionadh  d'a  bhraithrean.  "  Uime  sin 
ma  bhios  do  namhaid  acrach,  thoir  biadh 
dha  ;  ma  bhios  e  tartmhor  thoir  deoch  dha  : 
na  tugadh  buaidh  ort  leis  an  olc,  ach  thoir-sa 
buaidh  air  an  olc  leis  a'  mhaith."  Nach  ard 
agus   nach   domhain   agus   nach   duilich   an 


aithne  nuadh  so !  Co  a  tha  comasach  air 
timhlachd  a  thoirt  do'n  lagh  so  gu  h-iomlan  ? 
Ach  an  ni  a  tha  eu-comasach  dhuinn  'n  ar 
neart  fein  ni  Dia  comasach  dhuinn  le  comh- 
nadh  a  Spiorad  Naoimh.  Gun  cridhe  nuadh 
chan  urrainnear  an  aithne  nuadh  a 
choimhead.  "  Cruthaich  annam  cridhe  glan, 
a  Dhe,  agus  ath-nuadhaich  spiorad  ceart  an 
taobh  a  stigh  dhiom." 

A  thaobh  gradh  braithreil  tha  sinn  uile  a' 
teachd  gearr  ;  ach  cho  fada  's  a  bhios  e  a' 
cur  dragh  air  ar  coguis  nach  'eil  sinn  cho 
dleasdanach  no  cho  coibhneil  ri  ar'  coim.h- 
earsnaich  's  a  bu  choir  dhuinn  a  bhith  tha 
lasag  bheag  de'n  t-solus  a  tha  o  shuas  beo 
annainn.  Ach  ciod  a  theirear  ri  daoine  a 
tha  fo  ainm  Chriosduidhean  agus  a  bhios  a' 
dol  do'n  aon  eaglais,  agus  ag  61  as  an  aon 
chupan  air  la  a'  chomanachaidh,  ach  nach  do 
sheas  ann  an  tighean  a  eheile,  agus  nach  do 
bhruidhinn  ri  eheile,  agus  nach  do  labhair 
facal  maith  mu  chach  a  eheile,  bho  chionn 
sheachd  bliadhna,  ged  nach  'eil  ceud  slat 
eadar  na  dorsan  aca  ?  Ciod  a  theirear  riu  ach 
gu'n  cuireadh  an  dol-a-mach  mulad  air 
cridhe  Eoin,  agus  na 's  miosa  air  fad,  gu  bheil 
e  a'  cur  mulaid  air  cridhe  an  t-Slanuigheir  a 
bhasaich  gus  daoine  a  dheanamh  reidh,  cha 
'n  e  mhain  ri  Dia,  ach  ri  each  a  eheile! 
"  Aithne  nuadh  tha  mi  a'  toirt  dhuibh,  gu'n 
gradhaich  sibh  a  eheile  :  le  so  aithnichidh  na 
h-uile  dhaoine  gur  sibh  mo  dheisciobuil-sa 
ma  bhios  gradh  agaibh  d'a  eheile." 

An  aithnichear  leis  a'  chomharradh  so  c' 
aite  a  bheil  ar  comhnuidh  againne — -anns  an 
t-solus   no   anns   an   dorchadas  ? 


Turus  gu  Astralia 

Leis  an  Ollamh  Edghan  A.  Mac  Fhraing. 
(Air  a  leantuinn) 


THAGHAIR  gu  'n  deachaidh  am  baUe  a 
thogail  air  da  thaobh  de  'n  chaol  agus  air 
son  moran  bhliadhnachan  b'  iad  bataichean 
aiseig  a  bu  cheangal  eadar  an  da  thaobh 
ach  o  chionn  beagan  bhliadhnachan  chaidh 
drochaid  mhor  iaruinn  a  thogail  gu  bhi  ag 
aonachadh  an  da  thaobh  agus  tha  muinntir 
a'  bhaile  anabarrach  proiseil  as.  Agus  gu 
dearbh  faodaidh  iad  a  bhi !  Chosd  an 
drochaid  seachd  muillean  punnd  Sasunnach, 
agus  tha  i  a'  giiilan  cuig  rathadan-mora — 
rathad  air  son  carbad-iaruinn,  rathad  air  son 
carbadan-sraid,  te  eile  air  son  carbadan- 
olaidh,  te  air  son  carbadan-each,  agus  te 
air  son  coisichean.  Tha  an  drochaid  cho 
mor  agus  gu  'm  bheil  i  ri  bhi  air  fhaicinn  air 
.son  astair  mor,  agus  cho  ard  agus  gu  'n 
seol  am  bata  as  mo  foidhpe. 


Na  sl^ibhtean  gorma 

Tha  turusan  ciatach  a  dh'  fheudas  luchd- 
turuis  a  ghabhail  o  'n  bhaile.  Tha  aon 
gu  sonruichte  ainmeil.  Tha  sleibhtean  ard 
air  cul  a'  bhaile  fo  ainm  na  sleibhtean  gorma. 
Ann  an  meadhon  nan  sleibhtean  tha  sluic 
fasail  anns  am  bheil  uamhan  araidh  anns 
am  faicear  seallaidhean  nach  fhaicear  ach 
beag  ann  an  cearna  eile  de  'n  t-saoghal. 

Tha  moran  dhiubh  miltean  ann  am  fad 
agus  gach  uamh  dealaichte  ann  an  meudachd 
agus  oirdhearcas  bho  gach  uamh  eile. 
Gabhaidh  e  leth  la  a  bhi  a'  dol  troimh  aon 
diubh  le  fear-seolaidh  'g  ad  threorachadh 
air  gach  ceum.  Tha  na  h-uamhan  so  fo 
chiiram  luchd-riaghlaidh  na  Roinn  a  rinn 
rathad  mor  do  'n  ionnsuidh  agus  a  thog 
tigh-osda  air  son  luchd-turuis  agus  a  chuir 


TURUS  GU  ASTRALIA 


air  doigh  solus-dealanaich  a  bhi  a'  soillseach- 
adh  nan  uamhan  a  tha  fosgailte  do  liichd- 
turuis. 

Chan  'eil  e  furasda  a  bhi  ag  innseadh 
oirdhearcas  an  t-seallaidh  ri  bhi  air  fhaicinn 
ann  an  aon  diubh.  Faodaidh  mi  a  bhi 
mineachadh  gur  e  clach-aoil  a  tha  amis  na 
h-uamhan  sin,  agus  a  reir  coltais  thainig 
sgoltadh  mor  agus  neo-chumanta  aig  aon 
am  am  measg  nan  creagan,  a'  deanamh 
bearnan  mora  agus  neo-chumanta  fo  na 
sleibhtean.  An  sin  thoisich  boinnean  uisge 
a  bhi  sileadh  an  sud  agus  an  so  bho  na 
sgoiltean  a  bha  ann  am  mullach  nam  bearnan, 
a'  toirt  leo  smior  an  aoil.  Ann  an  ctirsa 
nan  miltean  de  linntean  rinn  gach  boinne 
a  chuid  fhein  gu  bhi  a'  cruthachadh  chiigein 
a  tha  an  crochadh  bho  mhuUach  na  bearna 
no  deilbh  do  iomad  cumadh  agus  dath  a  tha 
suidhe  air  tirlar  na  h-uaimhe. 

Tha  cuid  de  na  bearnan  ciad  troigh  ann 
an  aird,  a'  chuid  as  mo  aird  chuimseach, 
ach  ann  &,n  aite  no  dha  feumar  dol  air 
mhagan,  a'  dol  bho  aon  seomar  gu  seomar 
eile. 

Tha  na  taoibh  agus  an  t-iirlar  agus 
mullach  na  bearna  Ian  de  dheilbh  loinnearach 
ann  an  dathan  geal,  gris-dhearg,  or-dhearg, 
6r-bhuidhe  agus  caochladh  dhathan  loinnear- 
ach eile  agus  ann  an  cumadh  chaistealan 
stuic,  stuadhan,  tomadain,  binnein  agus 
ni  cho  iongantach  's  a  bha  ri  fhaicinn,  an 
crqchadh  bho  sgoltadh  's  a'  chreig  air 
mullach  na  bearna,  brat  mor  farsuing  cho 
coltach  ri  filleag  's  a  chunnaic  thu  riamh 
agus  cho  tana  ri  filleag  sioda.  An  uair  a 
dhealraich  am  fear-seolaidh  gath-soluis  air 
na  deilbh  bha  an  sealladh  a'  dearsuinn  mar 
gu  'm  bitheadh  tu  ag  amharc  air  airgiod  no 
or.  Is  e  ainm  nan  uamhan  so  na  "  lenolan 
Caves." 

Abhainn  Hawkesbury 

La  eile  chaidh  sinn  gu  bhi  faicinn  abhainn 
araidh  ris  an  canar  an  Hawkesbury.  Chaidh 
sinn  a'  cheud  chuid  de  'n  rathad  air  carbad- 
olaidh,  a'  dol  troimh  dhtithaich  mhonadail 
ghrinn  a  dh'  fhaodadh  a  bhi  ann  an  Gaidh- 
ealtachd  na  h-Alba,  gus  an  do  ramig  sinn 
taobh  na  h-aibhne.  An  sin  chaidh  sinn  air 
bord  bata-smuid  a  bha  gu  bhi  'g  ar  giulan 
fichead  mile  air  an  abhainn.  Tha  an 
abhainn  mu  leth-mhile  air  leud  agus  air 
gach  taobh  o  bhil  an  uisge  gus  na  mullaichean 
as  airde  tha  coilltean  tiugh,  dosrach,  fliir- 
anach. 

Bha  a'  ghrian  a'  dealradh,  an  speur  soilleir, 
an  latha  blath  agus  gach  ni  cho  samhach 
ach  a  mhain  dranndan  a'  bhata  iS  gad  a 
bhitheadh*  tu  air  mullach  Beinn-an-tuirc. 


Tha  mi  a'  toirt  breacag  a  maileid  m' 
inntinn,  B'  e  so  an  la  os  cionn  gach  la  eile 
air  an  do  mhosgail  iarrtus  ann  am  chridhe 
gu  'm  biodh  gach  caraid  bed  a  b'  aithne 
dhomh  a'  sealbhachadh  an  aoibhneis  a  bha 
mise  sealbhachadh  air  an  la  sin. 

Chaidh  sinn  air  tir  air  son  ar  diot  agus 
^s  an  fheasgar  chaidh  sinn  air  ais  troimh 
raontan  le  craobhan  luchdaichte  le  dran- 
gairean  agus  iibhlan.  Bha  sinn  a  nis"  gu 
bhi  gabhail  an  rathaid  bho  Sydney  gu 
Melbourne.  Tha  so  se  ceud  mile  ann  an 
astar.  Rinn  sinn  ar  turns  air  carbad-olaidh 
agus  ghabh  sinn  tri  laithean  ris. 

Canberra 

A'  cheud  oidhche  chuir  sinn  seachad  ann 
an  Canberra,  ard-bhaile  uachdranachd  as 
airde  ann  an  Astralia.  Is  e  aite  aonarach  a 
tha  so  agus  tha  duine  gabhail  iongantais 
gu  'm  biodh  aite  cho  aonarach  as  so  air  a 
thaghadh  na  'm  b'  e  gliocas  a  bha  riaghladh 
na  ciiise.  Ach  mo  thruaighe  mise !  Cha 
b'  e  gliocas  idir  a  reitich  an  gnothach  ach 
am  feart  as  guiniche  ann  an  cridhe  nadurra 
an  duine,  eud. 

'S  ann  mar  so  a  thachair. 

Bha  Sydney  agus  Melbourne  eudmhor 
d'  a  cheile  air  son  bhliadhnachan  agus  an 
uair  a  dh'  eirich  a'  cheist  co  aca  a  bha  ri  bhi 
faotainn  an  urraim  gu  bhi  'n  a  dhachaidh 
do  'n  Ard  Chomhairle  cha  gheilleadh  an 
t-aon  do  'n  aon  eile,  agus  cha  robh  cordadh 
air  doigh  eile  ach  gu  'm  biodh  tighean  na 
h-Ard  Pharlamaid  air  an  togail  air  fearann 
nach  buinneadh  do  aon  diubh. 

'S  ann  mar  sin  a  chaidh  an  t-aite  so  a 
shocrachadh. 

Tha  e  mu  leth  an  rathaid  eadar  an  da 
bhaile  agus  tha  e  air  astar  bho  'n  rathad 
mhor  a  tha  ag  aonachadh  an  da  bhaile. 

Feumar  aideachadh  ged  tha,  ged  b'  ann 
mar  so  a  thoisich  an  gnothuch,  gu  'n  do 
ghabh  an  luchd-riaghlaidh  an  obair  gu 
sgairteil  ann  an  laimh  gus  am  bheil  an  diugh 
samhladh  ann  an  so  air  baile  cho  grinn  's 
a  dh'  iarradh  tu. 

Bha  caob  mhor  fearainn  air  a  chur  air 
leth  air  am  biodh  uachdranachd  iomlan  aig 
an  Ard- chomhairle  agus  air  am  bitheadh 
tighean  na  h-Ard-Pharlamaid  agus  tighean 
eile  freagarrach  air  son  riaghlaidh  na  diithcha 
air  an  togail,  agus  a  chum  agus  gu  'm  biodh 
a'  chuid  a  b'  fhearr  a  bhi  air  a  dheanamh 
chaidh  iarraidh  air  daoine  sgileil  air  feadh 
an  t-saoghail  a  bhi  toirt  am  barail  ann  an 
sgriobhadh  ciamar  a  bu  choir  na  tighean 
Parlamaid  agus  na  togailean  eile  agus  na 
sraidean    a    bhi    air    an    suidheachadh    air 


CALL  IS  BUANNACHD 


dhoigh  a  bha  freagarrach,  snasail  ann  am 
baile  na  h-Ard-Chomhairle. 

Bha  duals  mhor  air  a  tairgse  do  'n  duine 
a  b'  fhearr  's  an  stri. 

Chaidh.  an  duals  gu  duine  a  bhuineas  do 
America  agus  's  ann  a  reir  mar  a  shocruich 
esan  a  tha  gach  ni  co-cheangailte  ris  na 
sr  aide  an  agus  na  tighean  a  tha  ri  bhi  air 
an  togail  anns  an  uachdranachd  ri  bhi  air  a 
dheanamh. 

'S  e  an  ni  as  miosa  mu  'n  aite  gu  'm  bheil 
e  oho  fad  air  falbh  o  bhaile  sani  bith  anns 
am  bheil  mor-mharsantachd  na  duthcha  air 
a  ghlulan  air  aghaldb. 

Albury 

Air  an  ath  oidhche  bha  sinn  ann  an  Albury 
agus  air  an  taobh  a  muigh  de  'n  bhaile 
fhuair  sinn  sealladh  air  oibric!hean  mora  a 
tha  cur  an  uidheam  casgadh  uisgeachan  na 
h-aibhne  Hume,  agus  gu  bhi  'g  an  sgaoileadh 


ann  an  claisean  mar  a  tha  lad  a'  deanamh  's 
an  Eiphit  gu  bhi  ag  uisgeachadh  an  talalmh 
mu  'n  cuairt  anns  am  bheil  moran  sil  agus 
craobhan-meas  air  an  cur. 

An  ath  oidhche  bha.  sinn  ann  am  Mel- 
bourne. Bha  sinn  a  nis  a'  tighinn  gu  deireadh 
ar  turuis,  agus  chuir  sinn  romhainn  na  'm 
bitheamaid  a'  faicinn  ciamar  a  bha  muinntir 
Astralia  a'  cur  seachad  na  Nollaige  agus  a' 
toirt  a  stigh  na  bliadhn'  uire  gu  'm  bith- 
eamaid a'  deanamh  uUachadh  gu  bhi  tilleadh 
gu  Lunnainn. 

Agus  's  ann  mar  sin  a  bha. 

Da  la  as  deidh  na  bliadhn'  uire  chaidh 
sinn  air  bord  ann  an  Melbourne. 

Sheol  sinn  air  ar  rathad  dhachaidh  aig 
cuig  uairean  feasgair  agus  anns  an  anmoch 
chaidh  sinn  troimh  an  riop  gus  a'  chuain 
mhdir  ann  an  oidhche  dhorcha,  na  neoil 
dtibhraidh  agus  an  dealanach  air  muir 
chiiiin  a'  lasadh  na  speur. 


Call  is  buannachd 


BHA  mi  an  la-roimhe  'g  am  choimeas  fein 
ri  Saul,  righ  mor — -an  tuille  na  aon  seagh — ■ 
agus  ceud  righ  Chloinn  Israeli.  Tha  mi  ag 
ciallachadh  sin  'n  am  dhoigh  fein.  oir  geij. 
a  tha  meudachd  riaghailteach  annam  a 
thaobh  bodhaig,  fathast  chan  'eil  annan 
ach  aon  de'n  phobull,  agus  bu  righ  ainmeil 
Saul.  Is  e  an  doigh  anns  an  robli  mi  'g  am 
choimeas  fein  ris  an  duine  mhor  ud,  mata, 
gu'n  d'  fhalbh  mi  am  mach  le  ni  sonraichte 
agam  aims  an  amharc,  ni,  ged-tha,  nach 
d'  thainig  gu  bull  ;  ach  thachair  ni  eile 
rium  a  chord  rium,  agus  ni'tha  mi  an  dull 
a  rinn  feum  do'n  inntinn. 

Tha  cuimhne  agaibh  gur  ann  a  shiubhal 
nan  asal  a  chaidh  air  faondradh  a  dh'  fh^g 
Saul  a  dhachaidh  is  tigh  athar.  Cha  d'fhuair 
e  na  h-asail,  ged  a  fhuaras  lad  air  a  shon  sin, 
ni  nach  do  thachair  dhomhsa  a  thaobh  a' 
ghnothaich  a  thug  mi  fein  am  mach.  Ach 
mur  d'  fhuair  e  na  h-asail,  fhuair  e  crun 
rioghail ! 

Chuala  mise  maduinn  an  latha  ud  gu'n 
robh  am  marsanta  guail  ris  a  bheil  ar  n- 
earbsa  gu  beagan  connaidh  a  chumail  ruinn 
anns  a'  choimhearsnachd,  is  dh'  fhalbh  mi 
am  mach  feuch  am  faighinn  greim  air. 
Chan  fhaca  mi  a  shtiil,  ged  a  rinn  mi  siubhal 
MhicRuslainn  air  na  h-eich  air — -sealltainn 
air  a  shon  far  an  saoilinn  am  bitheadh  e, 
is  far  an  saoilinn  nach  bitheadh  e !  Ach 
mur  faca  is  mur  d'  fhuair  mi  esan  a  bu  mhath 
learn  fhaicinn — agus  b'  fhior  mhath  leam 
fhaicinn  's  gu'm  faighinn  mo  luigheasachadh 
de    chonnadh    bhuaithe,    no    an    t-sfeiche    a 


thoirt  dheth — chunna  mi  ni  eile  a  thug 
aotromachadh  dhomh  bho'n  champar  a 
bha  orm  a  chionn  nach  d'  fhuair  mi  greim 
air  fear  a  ghuail. 

Bha  mi  a'  dol  seachad  air  tigh  an  sin  le 
lios  air  a  thaobh  beoil,  tigh  a  tha  gle  dhltith 
air  an  tigh  againn  fein,  ged  nach  bi  mise 
ach  annamh  a'  dol  an  rathad  a  tha  e.  Anns 
an  dol  seachad,  rug  mo  shiiil  air  leac  chloiche 
taobh  a  stigh  a'  gheata,  agus  sgriobhadh 
oirre.  Stad  mi ;  thug  mi  suil  na  bu  mheana 
oirre,  is  chunna  mi  gur  ann  am  Beurla  a  bha 
an  sgriobhadh.  Le  thionndadh  gu  G^idhlig, 
so  agaibh  car  mar  a  bha  an  rud  a  bha  air 
a  sgriobhadh  oirre — "  Thug  Dia  lios  dhomh. 
Tha  mise  a'  deanamh  mo  dhichill  gu  a 
chumail  air  doigh,  agus  tha  mi  a'  fagail  a' 
chorra  aige  fein!  " 

An  uair  a  leugh  mi  na  facail  ghrinne  ud, 
chomhdaich  mi  an  lios  uile  le  mo  shuil, 
agus  gu  cinnteach  is  ann  air  a  b'  fhiach 
sealltainn.  Rinn  an  t-aon  do'm  buin  e  a 
dheagh  dhicheall,  is  a  reir  coltais  gun 
soradh,  gu  lios  grinn  a  bhith  aige  ;  agus  gu 
fior  cha  do  dhearmad  Esan  anns  an  do 
chuir  e  earbsa  a  chuid  fein  de  'n  obair  a 
dheanamh. 

Chan  'eil  e  furasda  a  chur  sios  ^nn  am 
briathran  suidheachadh,  is  gach  ni  a  bha 
anns  an  lios  :  bha  blathan  de  gach  dath  is 
gne  ann,  callaidean  is  cuirn  bheaga  chlach 
ann,  is  an  cuibhrionn  fein  de  luibheannach, 
de  bhlathan  is  de  fhas  eile  ag  gobachadh 
gu  finealta  'nan  taic  is  eatorra.  Bha 
riochdan  eunlaith  is  chreutairean  eile  r'  am 


AIG  AN  UINNEIC 


faicinn  ann  thall  's  a  bhos.  Bha  corr  dhearg- 
chasach  'na  seasamh  an  sud,  rioclid  troichein 
bhig  de  shithiche  cul  duilleig  an  cuileig  eile  ; 
bha  losgann  (no  smaigean)  mar  gu'm  biodh 
e  air  ur  thighinn  am  mach  as  an  Ion  lusanach 
a  bha  air  taobh.  eile  aon  de  na  cuirneanan, 
agus  tri  no  ceithir  de  bhalgan  losgainn 
feallsa  a'  togail  an  cinn  os  cionn  an  fheoir 
ghuirm  a  bha  ag  comhdach  an  reidhlein 
bhig  a  bha  am  meadhoin  an  liosa.  Sheas 
mi  an  sin  gus  an  do  ghabh  mi  sar-bheachd 
air  an  lios,  is  cha  robh  cuirahne  air  fear  a' 
ghuail ! 


Tha  an  toileachadh  a  thug  an  lios  ud 
dhomh  agam  fathast,  agns  ged  nach  do 
sholar  mi  an  connadh  a  bha  bhuam,  sholar 
mi  luach-saothrach  eile,  theagamh,  a  bhios 
na  's  maireannaiche  na  an  ni  a  bha  bhuam, 
air  nach  deante  ach  a  losgadh  is  a  leigeil 
air  falbh  'na  theas  is  'na  cheo  co-dhiubh, 
ged  is  cinnteach  gur  math  am  feum  sin 
fein   ri  latha   fuar ! 

Sin  agaibh,  mata,  mar  a  bha  mise  'nam 
dhoigh  bhig  fein  an  latha  a  bha  an  sud 
coltach  ri  Saul,  righ  mor  Chloinn  Israeli. 

Eachann  MacDhughaill. 


Aig  an  Uinneig 


Eirigh  na  greine 

BHO  chionn  bhliadhnachan  bha  mi  ann  an 
Leodhus  ;  air  mo  thighinn  air  m'  ais  chaidh 
sinn  air  bord  air  a'  bhata  aig  aon  uair  deug 
a  dh'  oidhche,  is  chaidh  an  fheadhainn  a  bha 
comhla  rium  a  laighe.  Dh'  fhan  mise  leam 
fhein  gu  h-ard  gus  mo  chuimhne  urachadh 
air  nithean  a  dh'  fhairich  mi  a  'm'  oige  agus 
air  ghaol  a'  ghrian  fhaicinn  aon  uair  eile 
ag  eirigh  air  a'  mhuir.  Clod  air  bith  an 
t-aite  anns  am  faicear  e  tha  briseadh  an 
latha  n  a  ionghnadh  soluimte  agus  'na 
shealladh  maiseach  is  miorbhuileach,  ach 
ged  tha  mise  eolach  gu  leoir  air  an  t-sealladh 
sin  am  measg  nam  Ijeann  agus  nan  coilltean, 
bha  greis  mhaith  o  nach  fhaca  mi  an  la  a' 
briseadh  air  an  fhairge.  "Mar  sin  dh'  fhan 
mi  leam  fhein  gu  h-ard  fad  na  h-oidhohe 
agus  an  fhaireachduinn  'n  am  chridhe  a 
bhios  ann  an  cridhe  duine  a  tha  feitheamh 
air  an  te  air  a  bheil  gaol  aige. 

Tha  iocshlaint  do  'n  chridhe  ann  am 
briseadh  an  latha  nach  'eil  ann  an  cungaidh 
eile  fo  'n  ghrein  ;  dh'  fheumadh  duine  a  bhi 
dall  agus  bodhar  agus  maol  mur  cluinneadh 
agus  mur  faiceadh  e  iongantasan  anns  an 
iarmailt,  agus  e  mach  air  an  raon  eadar 
leth-uair  an  deidh  da  uair  agus  eirigh  na 
greine;  Ach  gu  sonruichte  chi  iadsan  a 
theid  sios  do  'n  fhairge  gniomharan  an 
Tighearna,  agus  a  bhsartan  iongantach  air 
an  doimhne. 

Bha  an  la  a'  glasadh  agus  sinn  a'  dol 
seachad  air  na  h-Eileanan  Sianta,  ach  bha 
sinn  a'  dluthachadh  ris  an  tigh-sholuis  a  tha 
air  ceann  Rona  m  'an  do  thoisich  a'  ghrian 
air  beanntan  Ghearrloch  agus  Thoireartan 
a  bhreacadh  le  a  gathan  6r-bhuidh. 

Bha  a'  mhaduinn  ciuin,  agus  an  solus 
glan  is  soilleir.  Chitheadh  tu  na  ficheadan 
mile  bhuait  air  gach  taobh,  agus  cha  robh 
taobh  an  tionndadh  tu  nach  robh  an  sealladh 
maiseach,  fonn  is  cuan  a'  deanamh  gaird- 
eachais  ann  an  solus  na  greine  a  bha  'g  am 


pogadh  agus  'g  am  beannachadh.  Cha  robh 
ach  aon  Ibheinn  anns  an  t-sealladh  nach  do 
fhreagair  gu  toileach  do  fhailte  na  m.aidne 
a  bha  a'  ghrian  a'  cur  orra  ;  b'e  sin  Cuilionn 
anns  an  eilein  Sgitheannach.  An  aite  a 
comJidach-cinn  a  chur  dhi  gu  modhail  agus 
gu  suilbhearra  mar  a  rinn  beanntan  Chataibh 
agus  Rois  chum  Cuilionn  a  currachd  oirre 
fad  na  h-uine. 

Bu  diomhain  dhomh  feuchainn  ri  cainnt 
a  chur  air  maise  na  maidne  ud  air  an  linne 
Sgitheanaich,  no  air  na  faireachduinean  a 
bha  ann  am  chridhe,  oir  tha  fhios  agam 
nach  rachadh  agam  air  a  dheanamh  ged 
dh'  fheuchainn  ris.  Ach  air  a  shon  sin  tha 
f-hios  agam  gu  robh  barrachd  buannachd 
dhomh  anns  a'  mhaduinn  ud  'n  am  inntinn 
agus  'n  am  chridhe  agus  'n  am  anam,  na 
bha  dhomh  anns  an  da  bhliadhna  a  chuir 
mi  seachad  ag  ionnsachadh  Eabhra, 
cainnt  nam  Pharasach.  Chan  'eil  agam-sa 
an  diugh  de  dh'  Eabhra  na  riaraicheadh 
eadhon  Cleir  Mhuile,  ach  tha  fhios  agam 
gu  'm  fan  faireachduinean  na  miadne  ud 
'n  am  chridhe  agus  'n  am  fhiosrachadh  gu 
brath  tuilleadh,  agus  gu  'n  toir  lad  solas  agus 
iirachadh  agus  iocshlaint  do  m'  anam  aig 
anannan  anns  am  bi  feum  agam  air  iocsh- 
laint. 

Am  measg  gach  rud  eile  a  thainig  gu  'm 
inntinn  a'  mhaduinn  ud  thainig  Laoidh 
Oisein  do  'n  ghrein,  ach  ged  dh'  fheuch  mi 
ris  na  fa  call  a  chuimhneachadh  cha  b' 
urrainn  dhomh  ach  criomain  bheaga  dhi 
fhaotainn. 

0  Thusa  fein  a  shiubhlas  shuas, 

Tha  cruinn  mar  Ian  sgiath  chruaidh  nan 

triath, 
Cia  as  a  tha  do  dhearrs'  gun  ghruaim, 
Do  sholus  a  tha  buan,  a  Ghrian  ? 
Thig  thusa  mach  'n  ad  aille  threin 
Is  foluichidh  na  reul  an  triall  ; 
Theid  ghealach  sios  gun  tuar  o  'n  speur. 
'G  a  cleatha  fein  fo  stuaidh  's  an  iar. 


(;reidemihan  neonach  an  latha  an  diugh 


Ach  ged  nacli  robh  Laoidh  Oisein  agam 
air  mo  theangaidh  bha  an  naoieamli  salm 
deug  agam  air  mo  theangaidh,  laoidh  as 
fhearr  na  te  Oisein. 

Gloir  Dhe  Ian  fhoillsichidh  na  neamh, 

'S  nai  spenra  gniomh  a  lamh, 

'^Tha  la  a'  deanamh  sgeil  do  la 

Is  oidhche  dh'   oidhch'  gun  tamh. 

Chaidh  'm  fuaim  air  feadh  gach  tire  mach, 
Am  focal  chaidh  an  cein 
Gu  crich  na  cruinne,  chuir  e  annt' 
Buan-phailliun  ard  do  'n  ghrein. 

Neach  tha  mar  nuadh  fhear-posda  'teachd 
0  sheomar  fein  a  mach, 
Ta  ait  mar  ghaisgeach  treun  a'  ruith 
A  reis  gu  togarrach. 


A'  dol  a  mach  o  chrich  nan  speur, 
Mu  'n  cuairt  'g  an  crich  a  ghnath  : 
'S  cha  'n  fholuichear  o  theas  na  grein 
Aon  ni  's  a'  chruinne  ta. 

Ged  nach  b'e  facal  Dhe  no  facal  nan  naomh 
a  bha  anns  a'  Bhiobull  idir  tha  bardachd 
ann  a  tha  fada  fada  air  thoiseach  air  bardachd 
Oisein.  Cha  bu  toigh  learn  riamh  leabh- 
raichean  Oisein  ;  chan  'eil  annta  ach  gaoth 
agus  ceo,  no  ma  dh'  f  haodas  mi  an  feamhladh 
atharrachadh ,  maragan  gun  gheir  gun 
phiobar.  Ach  tha  biadh  is  ceol  anns 
na  sailm  daonnan,  co  dhiubh  anns  a'  chuid 
as  fhearr  dhiubh.  C  aite  am  faigh  thu  a 
leithid  so  ach  ann  an  leabhar  nan  Salm  ? 

Tobar  na  beatha  tha  gu  dearbh 
Agad-sa,  Dhia  nan  diil ; 
Is  ann  ad  sholus  dealrach  glan 
Chi  sinne  solus  iiiil. 


Creideairihan  Neonach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.  A.,  an  Govan. 
v.— AN  EALDHAIN  CHRIOSDAIL. 


IS  iomadh  creideamh  tir  agus  neonach  a 
thog  ceann  air  tils  ann  an  America,  agus 
a'  mhor-chuid  dhiubh  cho  gearr-shaoghalach 
ris  an  dealan-de.  Ach  'n  am  measg  chan 
'eil  aon  aig  am  bheil  a  leithid  de  ghreim  agus 
de  bhuaidh  air  aireamh  cho  mor  sluaigh  ris 
a'  chreideamh  sin  ris  an  abrar  "  Christian 
Science,''  neo  ('ga  chur  an  Gaidhlig)  "  An 
Ealdhain    Chriosdail." 

Ma  's  e  Tearlach  Russell  agus  a  chuid 
iomagain  mu  thruaighe  shiorruidh  nan 
anaman  caillte  am  freumh  bho  'n  d'  fhas 
"  Fianuisean  lehobhah,"  b'  ann  bho  Mhairi 
Baker  Eddy  agus,  a  ro-churam  mu  shlainte 
a  bodhaige  a  dh'  eirich  an  Ealdhain  Chrios- 
dail. Le  cheile  leig  an  dithis  sin  an  inntinnean 
ri  rannsachadh  nan  sgriobturan  agus  thug 
iad  am  mineachadh  fhein  air  Facal  Dhe  ; 
agus  le  cheile  chuir  iad  a  mach  leabhraichean 
a  tha  an  diugh  air  an  cur  air  thoiseach  air 
a'  Bhiobull  leotha-san  a  tha  a'  leantuinn 
an  cuid  theagasgan. 

Dh'  eug  Mairi  Baker  Eddy  anns  a'  bhliadh- 
na  1910  aig  aois  ceithir  fichead  's  a  deich. 
Ged  a  rugadh  i  ann  an  dachaidh  bhochd, 
dh'  fhag  i  fortan  tri  muillion  dollar  'na 
deidh.  Cha  d'  fhuair  i  mo  ran  de  fhoghlum- 
sgoile,  ach  sgriobh  i  leabhar  a  thatar  a' 
leughadh  agus  a'  creidsinn  ann  mar  Fhacal 
Dhe  air  feadh  an  t-saoghail.  Tha  e  air 
a  mheas  gu'm  bheil  fada  corr  is  tri  muillion 
neach  a'  frithealadh  nan  coinneamhan  agus 


nan  seirbhisean»  ann  an  eaglaisean  na  h-^ 
Ealdhain  Chriosdail.  Is  ann  an  Staitean 
Aonaichte  America,  far  an  do  thoisich  e  an 
toiseach,  is  lionmhoire  luchd-leanmhuinn 
a'  chreidimh  so  ;  ach  gheibhear  aireamh 
mhor  ann  an  iomadh  dtithaich  eile,  agus 
anns  an  dtithaich  so  cuideachd.  Chan 
aithne  dhomh  am  bheil  gin  de  shluagh  na 
Gaidhealtachd  a'  leantuinn  an  teagaisg  so, 
ach  tha  fhios  agam  gu'm  bheil  tri  eaglaisean 
aig  muinntir  na  h- Ealdhain  Chriosdail  an 
Glaschu,  agus  tha  eadhon  comhlan  dhiubh 
ann  an  Inbhir-Nis,  agus  ann  an  Glaschu 
tha  feadh ainn  de  Ghaidheil  a'  bhaile  a' 
frithealadh   nan    coinneamhan   aca. 

A  reir  coltais,  tha  an  creideamh  so  a' 
tarruing  barrachd  mhnathan  'na  dheidh 
na  tha  e  a'  tarruing  de  fhir.  Chan  aithne 
dhomh  ciod  is  aobhar  dha  so — an  ann  a 
chionn  's  gur  e  boirionnach  a  thoisich  air, 
air  neo  an  ann  a  chionn  's  gu'm  bi  na  mnathan 
na  's  iomaganaich  mu  shlainte  am  bodhaige 
na  na  fir  ?  A  rithisd,  tha  an  creideamh  so 
a'  tarruing  na  feadhna  aig  am  bheil  tomhas 
math  de  chomhfhurtachd  shaoghalta.  Chan 
ann  tric~  a  gheibhear  duine  bochd  a'  frith- 
ealadh eaglais  na  h-Ealdhain  Chriosdail. 

Mairi  Baker  Eddy 

Is  docha  gu'm  bi  e  feumail  cunntas  a 
thoirt,  an  toiseach,  air  an  te  a  thoisich  an 
creideamh  so — Mairi  Baker  Eddy,  agus  an 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


sin  bheir  mi  oidhirp  air  pongan  bunaiteal 
a  teagaisg  a  shoilleireachadh  agus  a  sgrudadh 
ann  an  solus  an  t-Soisgeil.Mar  a  thubhairt 
mi  cheana  mu  na  h-Israelich  Bhreatunnach 
agus  mu  Fhianuisean  lehobhadh,  chan  'eil 
e  idir  soirbh  na  teagasgan  aca-san,  no  na 
teagasgan  aig  M^iri  Baker  Eddy  a  chur  sios 
gu  soilleir,  reidh.  Anns  na  leabhraichean 
aca  gheibhear  moran  a  tha  do-thuigsinn, 
ni  air  aon  duUleig  an  aghaidh  ni  air  duilleig 
eile,  facail  air  an  cleachdadh  ann  an  seagh 
gu  tur  eadar-dhealaicbte  bho  'n  t-seagh, 
chumanta. 

Rugadh  Mairi  Baker  anns  na  Staitean 
Aonaichte  an  America  anns  a'  bhliadhna 
1821,  agus  b'  i  an  t-seachdamh  leanabh 
anns  an  teaghlach.  Bha  a  h-athair  'na 
dhuine  diadhaidh,  le  Ian  earbsa  ann  am 
Facal  Dhe  agus  a'  cur  a  dhoigh  ann  an 
teagasgan  Iain  Calvin.  Mar  sin  fhuair 
Mairi  Baker  an  deagh  oileanachadh.  anns  na 
Sgriobturan,  agus  'na  h-oige  bhitheadh  i 
a'  teagasg  na  cloinne  anns  an  Sgoil-Shabaid. 
Cha  robh  i  ro  shean  an  uair  a  thoisich  i  ri 
comharran  a  nochdadh  gu  'n  robh  rud-eigin 
neo- chumanta  'na  nadur  agus  'na  doighean- 
breithneachaidh.  Bhiodh  i  a'  faicinn  sheal- 
laidhean  agus  a'  cluinntinn  ghuthan  neo- 
thalmhaidh.  Gu  trie  thuiteadh  i  ann  an 
neul.  Aig  aois  naoi  bliadhna  chuala  i  guth 
'g  a  gairm  mar  a  chuala  Samuel  agus  e  'n 
a  bhalach.  Bho  a  h-6ige  a  niias  bhiodh  i 
trie  a'  gearan  droch-shl&inte  agus  a  chum 
sl4inte  iomlan  fhaotainn  bhiodh,  i  a'  tadhall 
nan  spioradalach  agus  seorsachan  eile  a 
tha  gabhail  orra  a  bhi  air  chomas  euslaintean 
a   leigheas. 

Bha  Mairi  Baker  posda  tri  uairean.  Ann 
an  1843  phos  i  Seoras  Glover,  fear  a  bha 
a'  eumail  thr^illean,  ni  a  bha  fada  an  aghaidh 
toil  a  mhnatha.  Cha  robh  iad  fada  posda 
an  uair  a  dh'  eug  Glover.  An  sin  phos  i 
fear  Patterson,  leigh-fhiacal,  ach  cha  robh 
iad  ro  shona  comhla  agus  dh'  fhag  e  i,  agus 
fhuair  i  dealachadh  laghail  bhuaidh.  Ann 
an  1877  phos  i  Gilbeart  Eddy,  duine  ciuin 
umhail,  ach  fear-gnothuich  math.  Chan 
'eil  teagamh  nach  tug  an  treas  fear  cuideach- 
adh  mor  dhi  ann  a  bhi  cur  air  aghaidh  nan 
tsagasgan  iira  aice. 

B'ann  anns  a'  bhliadhna  1866,  a  reir  a 
cunntais  fein,  a  dh'  amais  i  an  toiseach  air 
an  teagasg  ur  air  an  tugadh  an  t-ainm 
"  Ealdhain  Chriosdail."  Co  as  a  fhuair  i 
an  teagasg  so  ?  Mar  a  thubhairt  mi,  bha 
i  gle  fhiosrach  anns  na  Sgriobturan  bho  a 
h-6ige,  agus  bha  i  riamh  a'  nochdadh  tiidh 
ann  an  obair  nan  spioradalach  agus  ann  an 
teagasgan  na  feadhna  a  bhitheas  a'  stri  ri 


eucailean  a'  chuirp  a  leigheas  le  cumhachd 
na  h-inntinn,  seorsa  ris  an  abrar  anns  a' 
Bheurla  "  Mind-healers  "  no  "  Faith- 
healers."  Cha  robh  i  riamh  ro  laidir  'na 
slainte  chorporra,  agus  leis  gach  saruchadh 
a  fhuair  i  bho  'n  cheud  dithis  a  bha  posda 
aice  bha  i  an  comhnuidh  a'  gearan  euslaint. 
Ann  an  1861  thachair  i  air  duine  d'  am 
b'  ainm  an  Dotair  Phineas  Quimby.  'S  e 
lighiche-inntinne  a  bha  ann  an  Quimby, 
ged  nach  b'e  Criosduidh  no  creidmheach  a 
bh'ann.  Ach  bha  ealdhain  aige  air  seor- 
sachan tinneis  a  leigheas  le  a  dhoighean 
iongantach  fhein,  agus  dh'  fhairich  M4iri 
Baker  gvi'n  robh  e  a'  deanamh  feuma  dhi. 
A  reir  coltais,  is  ann  bho  na  nithean  a  dh' 
ionnsuich  i  bho  Quimby  agus  bho  na  seor- 
sachan eile,  spioradalaich  agus  an  leithid, 
a  rinn  i  suas  an  teagasg  ur  ris  an  abrar  an 
Ealdhain  Chriosdail,  agus  chuir  i  an  clodh 
e  ann  an  leabhar  fo'n  ainm.  "  Ealdhain  agus 
Slainte  "  (no  "  Science  and  Health  ").  'Na 
dheidh  so  sgriobh  i  moran  de  leabhraichean 
eile,  ach  is  e  so  an  leabhar  mor  aig  muinntir 
na  h-Ealdhain  Chriosdail,  leabhar  a  tha 
iad  a'  cur  eadhon  air  thoiseach  air  a'  Bhiobull 
fhein. 

Cha  ruigear  a  leas  innseadh  mu'n  chuid 
eUe  de  bheatha  Mhairi  Baker  Eddy.  Thoisich 
i.air  daoine  tinne  a  leigheas  agus  dh'  oilean- 
aich  i  feadhainn  eUe  mar  luchd-leigheis 
cuideachd.  Thrus  i  g'a  h-ionnsaigh  moran 
de  luchd-leanmhuinn,  agus  tha  i  'g  an 
trusadh  fhathast.  Chan  'eil  teagamh  nach 
robh  comasan  agus  buadhan  neo-chumanta 
aice,  agus  gu'n  d'rinn  i  math  do  iomadh 
neach.  Dh'  fhosgladh  eaglais  is  tigh-coin- 
neimh  an  sud  's  an  so  air  son  a  luchd- 
leanmhuinn,  air  chor  's  gu'm  bheil  moran 
dhiubh  air  feadh  an  t-saoghail  an  diugh. 

An  teagasg 

Gu  de  a  nis  a  bha  Mairi  Baker  Eddy  a' 
teagasg  ?  Theagaisg  i  gur  Spiorad  Dia, 
agus  tha  sin  sgriobturail  gu  leoir  ;  ach 
theagaisg  i  cuideachd  nach  'eil  ni  sam  bith 
ann  ach  nithean  spioradail.  Sin  ri  radh, 
chan  'eil  ann  an  nithean  saoghalta  agiis 
aimsireil  ach  neo-ni.  Ann  an  seagh,  tha 
sin  fior  cuideachd.  Ach  chaidh  ise  ceum 
na's  fhaide  na  sin.  Thubhairt  i  nach  'eil 
a  leithid  de  ni  ri  tinneas,  no  plan,  no  bas  ann . 
Chan  'eil  ann  an  tinneas  is  plan  'is  bas  is 
gach  rud  de  'n  t-seorsa  sin  ach  neo-ni ;  chan 
'eil  annta  ach  nithean  a  tha  daoine  a' 
smuaineachadh .  A  rithisd,  feumar  aideach- 
adh  gu  "m  bheil  moran  ann  a  tha  a'  toirt 
a  chreidsinn  orra  fhein  gu'm  bheil  rud-eigin 
ce^rr    orra    an    uair    nach    'eil.     Ach    chan 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


e  sin  idir  a  bha  Mairi  Baker  Eddy  a"  ciallach- 
adh.  Greim-mionaich,  no  an  deideadh,  no 
a'  ghriuthrach  agus  an  leithid — chan  "eil 
annta  ach  nithean  anns  an  inntinn.  Agus 
's  e  an  doigh  air  faotainn  ciiidhte  's  iad, 
chan  e  cur  a  dh'iarraidh  an  lighiche  no  dol 
do  thigh -eiridinn,  ach  smuaintean  diadhaidh 
agus  maithe  altrum  anns  an  inntinn. 

A  chum  teagasgan  na  h-Ealdhain  Chrios- 
dail  a  dheanamh  na's  soilleire,  faodaidh 
sinn  aireamh  cheistean  a  thogail  : 

(1)  Ciod  an  t-aite  a  tha  an  Ealdhain 
Chriosdail  a'  toirt  do'n  Tighearna  losa 
Criosd  ?  'S  i  so  a'  cheist  mhor.  Ann  an 
caochladh  aitean  'n  a  cuid  leabhraichean 
chi  sinn  gu'm  bheil  Mairi  Baker  Eddy  'g 
a  cur  fhein  co-ionann  ri  Criosd  mar  mheadh- 
on-foillseachaidh  air  toil  Dhe.  Tha  i  a' 
teagasg  nach  do  thuig  duine  riamh  fior 
bhrigh  an  t-Soisgeil  gus  an  do  chuir  ise 
a  m.ach  an  leabhar  aice.  A  rithisd,  ged  a  tha 
i  a  reir  coltais  ag  ardachadh  an  Tighearna 
losa,  tha  e  soilleir  gu'm  bheil  i  a'  toirt  ciall 
eile  do  na  briathran  anns  am  bheil  am' 
Biobull  a'  cur  an  ceill  Pearsa  is  Cliu  Chriosd. 
Ann  a  bhi  a'  leughadh  an  leabhair  aice, 
"  Ealdhain  agus  Slainte,"  tha  mi  a  rithisd 
agus  a  rithisd  a'  tighinn  tbairis  air  a  beach  dan 
mu'n  Tighearna,  anns  am  bheil  i  ag  aicheadh 
fhior  dhiadhachd  agus  fhior  dhaonnachd. 
Tha  i  a'  cur  dealachaidh  eadar  "  losa  " 
agus  "  Criosd."  Cha  robh  ann  an  "  losa  " 
ach  duine,  ach  'sea  bh'ann  an  "  Criosd  " 
"  smuain  "  ann  an  inntinn  Dhe.  Tha  so  gu 
tur  an  aghaidh  Facal  Dhe.  "  Bha  am 
Facal  maUle  ri  Dia,  agus  b'e  am  Facal  Dia 
.  .  .  agus  rinneadh  am  Facal  'n  a  fheoil  " 
(Eoin  i.  1,  14).  Tha  i  ag  aicheadh  b^s 
Chriosd  agus  ais-eirigh  Chriosd,  agtis  tha 
i  ag  Aicheadh  gu'n  robh  Lasarus  da  rireabh 
marbh.  Do'n  Chriosduidh  tha  ^ite  air  leth  aig 
an  Tighea,rna  losa  Criosd.  Tha  e  co-ionann 
ri  Dia,  agus  fhathast  rinneadh  'n  a  fhior 
dhuine  e.  Na  nithean  a  dh'  fhuliing  e  ann 
an  laithean  fheola  air  an  talamh,  chan  e 
neo-ni  a  bh'annta.  Ged  nach  biodh  coire 
eile  ann  an  teagasg  na  h-Ealdhain  Chriosdail, 
is  leoir  beachdan  Mairi  Baker  Eddy  mu 
Chriosd  gus  daoine  a  chur  'n  am  faireachadh 
a  thaobh  a  cuid  teagaisg. 

(2)  Gu  de  seorsa  bull  a.  tha  aig  teagasg 
na  h-Ealdhain  Chriosdail  brra-san  a  tha 
a'  gabhail  ris  ?  Ma  tha  iad  a'  gabhail  ris  da 
rireabh,  cha  bu  choir  dhaibh  uair  air  bith 
a  bhi  an  eisimail  lighiche  no  tigh-eiridinn, 
ciod  air  bith  a  bhitheas  cearr  orra.  Tha  a' 
mhor-chuid  de  Chriosduidhean  a'  creidsinn 
gu'm  bheil  gach  ealdhain-leigheis  agus  gach 


eolas  is  sgil  a  tha  aig  lighichean  mar  bhean- 
nachdan  a  bhuilich  Dia  air  clann  nan  daoine. 
Tha  Dia  'g  ar  beathachadh,  ach  tha  e  a' 
deanamh  sin  tre  shaothair  dhaoine  eile — 
luchd-aiteachaidh  na  talmhainn,  luchd- 
rnarsantachd,  is  iomadh  seorsa  eile.  Agus 
tha  Dia  'gar  leigheas,  agus  tha  e  a'  deanamh 
sin  tre  eolas  is  sgil  na  feadhna  a  tha  a' 
coisrigeadh  am  beatha  ris  an  obair  sin. 
Ma  tha  muinntir  na  h-Ealdhain  Chriosdail 
ceart  ann  a  bhi  a'  dearmad  iocshlaintean 
is  cungaidhean-leigheis  nan  lighichean,  bha 
coir  aca  a  bhi  mar  an  ceudna  a'  dearmad  a 
h-uile  ni  a  bhitheas  daoine  ag  itheadh.  Ma 
tha  comas  na  h-inntinn  agus  neart  anma 
na's  leoir  a  chum  casan  briste  agus  a'  ghriuth 
rach  agus  an  deideadh  a  leigheas,  tha  fhios 
gu'm  bheil  comas  na  h-inntinn  agus  neart 
spioradail  comasach  air  acras  a  shasuchadh. 
'N  am  faigheadh  muinntir  na  h-Ealdhain 
Chriosdail  lan-iighdarras  ann  an  diithaich 
sam  bith,  dh'.  fheum.adh  iad,  m.a  tha  iad 
dileas  do'n  cuid  teagasgan,  gach  lagh  agus 
raeadhon  a  bhacadh  a  tha  a'  feuchainn  ri 
sluagh  na  duthcha  a  chumail  ann  an  slainte- 
cuirp  is  slainte  inntinne. 

(3)  Ach,  ma  tha  na  teagasgan  aca  cho 
faoin  agus  cho  leanabail  agus  a  tha  mi  ag 
radh  a  tha  iad,  car  son  a  tha  na  h-uibhir  'gan 
leantuinn  ?  Feumar  aideachadh  gu'n 
d'fhuair  moran  dhaoine  beannachd  air  chor- 
eigin  bho  a  bhi  leantuinn  theagasgan  na 
h-Ealdhain  Chriosdail.  Chan  'eil  iad  idir 
tearc  a  their  le  firinn  gu'n  d'rainig  iad  air 
tomhas  de  shlainte  bodhaige  nach  robh  aca 
rouuhe  le  bhi  a'  gabhail  ri  cuid  de  theagasgan 
Mhairi  Baker  Eddy.  Ach  feumar  d^  ni 
a  thoirt  fainear  : 

An  inntinn  agus  an  corp 

(a)  Tha  e  fior  gu'm  bheil  buaidh  shon 
ruichte  aig  an  inntinn  air  a'  chorp,  agus  tha 
lighichean  an  lath  a  an  diugh  a  tiugsinn  sin 
mar  nach  do  thuig  iad  riamh.  Chan  ann  a 
mhain  le  cungaidhean-leigheis  ann  am  botul, 
no  le  leth-dusan  pil  ann  am  bocsa  beag, 
no  eadhon  le  sgian  'n  an  laimh  a  tha  na 
dotairean  an  diugh  a'  dol  an  car  a  h-uile 
seorsa  euslaint  a  leigheas.  Tha  eolas  ann 
a  nise  ris  an  abrar  "  Psychotherapy,''  tre 
am  bheil  lighichean  a'  stri  ri  moran  de 
euslaintean  na  bodhaige  a  leigheas  tre 
chumhachd  na  h-inntinne  thairis  air  a' 
bhodhaig.  Cha  ruig  sinn  a  leas  a  dhol  gu 
leabhar  na  h-Ealdhain  Chriosdail  air  son 
''  Psychotherapy."  Tha  moran  dhotairean 
ann  an  diugh  a  tha  ealanta  agus  sgileil  anns 
an  eolas  agus  doigh-leigheis  tir  so. 


Aireamh  12 


1945 


Am  Foghar 

Dofhreadal  chum  mo  bheatha  bed 
Gun  uireasbhuidh  gun  dith. 


CHAN  'eil  sealladh  aii-  an  t-saoghal  as 
inntinniche  na  achaidhean  glan  arms  an 
fhoghar,  am  barr  air  a  thogail  dhiubh,  agus 
e  sabhailte  fo  thugha  agus  fo  shioman,  air 
an  raon  no  anns  an  iodhlainn.  Sin  sealladh 
a  tha  ri  fhaicinn  anns  gach  cearn  de  'n 
diithaich  aig  an  am  so  de  'n  bhliadhna,  a' 
cur  maitheas  an  Tighearna  'n  ar  cuimhne 
agus  a'  gairm  oirnn  buidheachas  a  thoirt 
dha. 

Is  e  toradh  na  talmhainn  anns  an  fhoghar 
an  fhreagairt  a  tha  Dia  a'  toirt  do  'n  urnuigh 
a  tha  sinn  a'  cur  suas  gun  sgur,  Thoir  dhuinn 
ar  n-aran  lathail,  agus  tha  e  a'  freagairt  ar 
n-urnuigh  le  bhi  'g  ar  deanamh  'n  ar  comh- 
oibrichean  maille  ris  fein.  Tha  Dia  a' 
deanamh  sin  daonnan,  ann  an  nithean  eile 
a  thuilleadh  air  a'  bhiadh  a  tha  'fas  anns 
an  talamh, — tha  e  a'  toirt  cothrom  dhuinn 
air  ar  n-iirnuighean  fhein  a  fhreagairt  ann 
an  co-bheinn  ri  chumhachd-safi.  Feumaidh 
sinn  cur  agus  buain  a  dheanamh,  ach  is 
e  esan  a  bheir  fas  agus  toradh. 

Dhaibh  arbhar  tha  thu  deasachadh 
Le  d'  fhreasdal  caomha  fein  ; 
'S  ag  uisgeachadh  le  pailteas  mor 
Nan  iomairean  gu  min. 

Do  dhaoine  a  tha  a'  fuireach  air  an 
dtithaich  tha  e  na  's  fhasa  cumhachd  an 
Tighearna  agus  maitheas  an  Tighearna  a 
chuimhneachadh  na  tha  e  do  mhuinntir 
nam  bailtean-mora,  oir  tha  sinne  a'  faicinn 
a'  bhidh  a'  fas,  ach  dhaibhsan  chan  'eil  ann 
am  biadh  ach  rud  a  gheibhear  ann  am 
buth. 

Tha  aobhar  sonruichte  againn  a  bhi 
taingeil  gu  robh  foghar  maith  agus  barr 
maith  againn  am  bliadhna  (1)  a  chionn  gu 
bheil  a  leithid  de  ghainne  bidh  air  tir-mor 
na  h-E6rpa  's  gu  bheil  cuid  de  na  diith- 
channan  ann  an  suidheachadh  muladach 
cheana,  agus  eagal  orra  roimh  ghort,  agus, 
(2)  nach  'eil  airgiod-oir  air  chiil  na  rioghachd 
so  an  America  leis  an  teid  aice  air  na 
tha  a  dhith  oirre  de  bhiadh  a  cheannach 
agus  a  thoirt  a  nail.  Ged  bhiodh  na  tha 
dh'  fhearann  am  Breatunn  fo  'n  chrann  cha 
raehadh    againn   air   sinn  fheiii   a    bheath- 


achadh.  Tha  sinn  an  urra  ri  daoine  eile  a  / 
son  ar  loin.  ^ 

Sin  aon  de  na  leasain  a  tha  am  Foghar 
a'  teagasg  dhuinn,  nach  'eil  a  h-aon  againn 
beo  dha  fhein  a  mhain  ach  gur  buill  sinn 
gach  aon  fa  leth  d'a  cheile,  air  ar  ceangal 
suas  ann  an  ceanglaicheari  na  beatha  mar 
bhraithrean. 

Gach  uair  de  'n  la  agus  gach  la  de  'n 
bhliadhna  tha  miltean  de  dhaoine  nach 
fhaca  sinn  riamh  ag  obatr  air  ar  son  'n  am 
fallus,  ag  ullachadh  ar  bidh  agus  gach 
comhfhurtachd  eile  a  tha  sinn  ag  iarraidh. 
Tba  e  fior  gu  bheil  iad  a'  deanamh  am 
beo-shlaint  fhein  le  bhi  a'  frithealadh 
dhuinne,  ach  chan  'eil  sin  ag  atharrachadh 
na  thubhairt  mi,  nach  deanamaid  feum  as 
an  eugmhais  agus  gu  bheil  sinn  uile  an  urra 
ri  saothair  dhaoine  eile. 

An  diugh  fhein  dh'  ith  thu  aran  a  bha 
air  a  dheanamh  le  cruithneachd  nach  do 
chuir  agus  nach  do  bhuain  thu,  acb  a  bha  air 
a  chur  air  do  bhord  le  saothair  mhiltean 
eadar  so  agus  Manitoba,  feoil  a  bha  air  a 
toirt  chugad  le  mic  a'  choigrich  a  New 
Zealand  no  Astralia,  agus  ghiiilain  coolies 
anns  na  Innsibh  an  Ear  uallach  agus  teas 
an  latha  los  nach  biodh  tu  gun  tea. 

Nach  'eil  an  t-am  againne  agus  aig  riogh- 
achdan  eile,  ma  ta,  an  leasan  so  ionnsachadh 
nach  ann  le  bhi  ann  an  run  na  biodaig  d'a 
cheile  a  thig  sith  no  soirbhsachadh  anns  an 
t-saoghai  ach  le  bhi  ag  aideachadh  gu  saor, 
agus  'g  a  chur  an  cleachdadh,  gu  bheU  an 
saoghal  uile  aig  gach  duine  mar  oighreachd 
an  diugh,  chan  e  crioman  dheth  ach  an  saoghal 
uile,  le  pailteas  bidh  agus  oibre  do  na  h-uile 
na  'n  robh  sinn  cho  glic  agus  cho  criosdail 
's  gu  'n  comh-oibricheamaid  maille  ri  cheile 
ann  an  sith. 

Bithidh  biadh  gann  air  a'  gheamhradh  so, 
ech  ma  bhitheas,  cuimhneachamaid  air  an 
f hacal  ghlic  a  fhuair  sinn  o  ar  n-aithrichean, 
gur  moid  rud  a  roinn,  agus  cuimhrieachamaid 
cuideachd  air  facal  eile  aig  a  bheil  ughdarras 
as  airde  na  gliocas  an  t-saoghail  so,  ma 
bhitheas  do  namhaid  acrach,  thoir  biadh  dha. 
Sin  an  iobairt  bhuidheachais  ris-an-  gabh 
Dia  gu  toileaeh.  -■     '    -     :.;:.-:::. v.;     j  '^'-^i'- 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  an  fhoghar  tha  s^mhchair  anns  an 
dutiiaich  nach  'eil  innte  aig  am  eile  de  'n 
bhliadhna,  is  tha  an  t-samhchair  sin  fois- 
neachail  do  'n  chluais  agus  do  'n  chridhe. 
Tha  eoin  na  seinn  air  falbh  do  dhuthchannan 
blath,  agus  chan  'eil  fuaim  ri  chluinntinn 
ach  goraicleis  rocaisean  agus  chathagan,  no 
coo-roo  nan  caluman  anns  na  craobhan.  Ach 
ged  is  boidheach  aghaidh  an  t-saoghail  anns 
an  fhoghar  tha  a'  mhaise  sin  diombuan, 
coltach  ris  an  rudhadh  a  thig  an  gruaidh 
duine  air  a  bheil  a'  chaitheamh.  An  dath 
maiseach  a  thig  air  duilleach,  is  comharradh 
sin  gu  bheil  iad  a'  seargadh  as,  agus  gu 
bheil  am  bas  dliith.  Sin  an  t-aobhar  gu 
'n  diiisg  tuar  na  dtithcha  agus  fuaim  na 
gaoithe  anns  an  fhoghar  smuaintean 
soluimte  agus  faireachduinean  trom   'n  ar 


n-inntinn  a  dh'  aindeoin  cho  boidheach  's 
a  tha  an  saoghal.  Tha  a'  ghrian  fhein  mar 
gu  'm  biodh  i  a'  fas  sean,  a'  laighe  na  's 
traithe  agus  ag  eirigh  na  's  anmoiche,  mar 
gu  'm  biodh  tuilleadh  fois  a  dhith  oirre, 
agus  ged  tha  i  a  cheart  cho  dealrach  cban 
'eil  uiread  teas  innte  's  a  bha  innte  anns  an 
earrach  no  anns  an  t-samhradh. 

Ach  tha  eadhon  am  bas  maith  'n  a  am 
fhein.  Is  seirbhiseach  do  Dhia  am  bas, 
air  chor  agus  nach  bu  choir  dhuinn  leigeil 
le  seargadh  an  duillich,  no  le  tuar  a'  bhais 
air  na  craobhan,  mulad  no  eagal  a  chur 
oirnn,  oir  is  ann  mar  sin  a  tha  Dia  ag  ullach- 
adh  air  son  na  beatha  agus  na  maise  a 
chithear  anns  an  ath  earrach. 

Na  nithean  so  is  samhladh  iad. 


Anns  a'  Chathair 


CHA  toigh  learn  idir  na  daoine  a  bhios  a' 
ciobaireachd  dhaoine  eile  gun  sgur.  Tha 
doighean  a'  mhaighstir-sgoile  maith  gu  leor 
am  measg  cloinne  ach  chan  'eil  iad  cho 
freagarrach  am  measg  dhaoine  a  thainig  gu 
aois  no  am  measg  choimhearsnach.  Ma 
chluinneas  tu  duine  ag  radh  gu  bheil  e  mar 
fhiachaibh  air  mar  Chriosduidh  a  bhraithrean 
a  bhuachailleachd  air  eagal  nach  dean  iad 
aon  char  ceart  mur  ciim  esan  siiil  orra, 
faodaidh  tu  a  bhi  cinnteach  gur  ann  de 
shiol  nan  ciobairean  a  tha  e.  Sin  an 
comharradh- cluaise  a  tha  orra  uile,  gu  bheil 
iad  an  diiil  nach  aithne  do  dhaoine  eile  an 
gnothuch  fhein  idir,  agus  gu  'm  feum  iadsan 
an  cumail  ceart. 

Anns  an  duthaich  againne  an  diugh  tha 
na  ciobairean  a'  fas  lionmhor  agus  reamhar 
ach  tha  na  caoraich  a'  fas  gann  agus  caol. 
Ma  dh'  fhaodas  mi  car  ur  a  chur  ann  an  seann 
f  hacal,  tha  ciobair  ar  f  hichead  air  an  f  hichead 
caora. 

Na  'm  bithinn  a  saoilsinn,  a  leughadair, 
gu  bheil  t'  inntinn  maol  no  tiugh,  chuirian 
air  d'  earalas  thu  gun  mo  thogail  cearr, 
oir  chan  'eil  mi  a'  ciallachadh  gu  'm  faod 
duine  a  bhi  caoin-shuarach  ciod  a  dh'  eireas 
d'  a  bhraithrean  no  d'  a  choimhearsnaich. 
Nar  leigeadh  Dia  gu  'n  abrainn  a  leithid 
sin!  TTia  e  mar  fhiachaibh  air  a  h-uile 
Criosduidh  a  dhleasdanas  a  dheanamh  ri 
bhraithrean  agus  ri  choimhearsnaich,  a  bhi 
coibhneil  agus  freasdalach  agus  baigheil  riu. 
Ach  theid  aige  air  sin  a  dheanamh  gun 
toiseachadh  air  an  ciobaireachd,  agus  gun 
an  saorsa  a  thoirt  bhuapa,  no  gun  an  cur 
troimh  'n  ruidhle  mar  a  bhios  maighstir- 
sgoile  a*  deanamh  air  a'  chloinn. 


Is  mor  agus  is  maith  an  rud  saorsa  ;  maith 
do  'n  inntinn  agus  maith  do  'n  choguis,  ach 
tha  saorsa  a'  lughdachadh  an  uair  a  tha  a' 
chiobaireachd  a'  meudachadh.  Bha  e  fior 
aon  uair  gur  righ  duine  'n  a  thigh  fhein, 
ach  dh'  fhalbh  an  la  sin,  agus  an  diugh 
feumaidh  tu  do  dhorus  f  hosgladh  gu  farsuinn 
a  leigeil  a  steach  dhaoine  nach  fhaca  tu 
riamh  roimhe  ach  a  tha  air  son  do  cheasnach- 
adh  agus  do  theagasg  mar  nach  robh  annad 
ach  am  paisde.  Theagamh  gu  'm  bi  leth- 
dusan  dhiubh  aig  do  dhorus  anns  an  aon  la, 
agus  iad  uile  air  thurusan  na  ciobaireachd, 
air  an  cur  chugad  le  daoine  coir,  anns  an 
Eaglais,  anns  an  Riaghaltas,  ann  an  Comh- 
airle  na  Siorramachd,  no  ^nn  an  aon  eile  de 
na  Buird  d'  an  crioch  araidh  caoraich  mhaol 
a  chiobaireachd. 

0  bhreith  gu  bas 

Tha  a  doighean  fhein  agus  a  fasain  fhein 
aig  gach  gineal,  agus  is  e  fasan  ur  na  gineil 
so,  gu  'm  biodh  gach  duine  a  ciobaireachd 
a  bhrathar.  Chan  fhoghainn  dhuit  ceartas 
a  dheanamh  ri  d'  bhrathair,  agus  trocair  a 
ghradhachadh,  agus  gluasad  gu  h-iriosal 
maille  ri  Dia,  gun  chiobaireachd  cuideachd  I 
Ach  air  mo  shon  fhein  dheth  chan  iarrainn 
air  duine  eile  seirbhis  air  bith  a  dheanamh 
dhomh  ach  a  mhain  saorsa  mo  thoile  a 
thoirt  dhomh,  agus  cha  mho  a  dhitiltainn 
do  dhuine  eile  an  rud  a  dh'  iarrainn  dhomh 
fhein, 

Ach  sin  direach  an  rud  nach  toir  am  fear 
anns  a  bheil  nadur  na  ciobaireachd  dhuit, 
saorsa  do  thoile.  Tha  fhios  aige  ciod  a  tha 
maith  dhuit  moran  na  's  fhearr  na  tha  agad 
fhein  agus   sparraidh   e   a   bheachdan  agus 


ANNS  A'  CHATHAIR 


a  dhoighean  agus  a  thoil  ort,  olc  air  mhaith 
leat  e.  Chan  'eil  feum  ami  dhuit  a  radh  gu 
bheil  thu  toilichte  agus  sona,  mur  bheil  thu 
sona  anns  an  doigh  a  tha  esan  a'  saoilsinn 
ceart ;  cha  leig  e  do  shiubhal  leat  gus  an 
iomain  e  thu  a  steach  do  'n  chro  aige  fhein, 
CO  dhiubh  a  tha  thu  air  son  dol  ann  no  nach 
'eil. 

An  uair  a  bheir  Ard  Riaghaltas  na  duthcha 
gnuis  do  fhasan  mar  so  chan  ionghnadh. 
gu  'n  leanadh,  Buird  agus  Comuinn  eile 
iad.  Na  chi  na  big  's  e  ni  na  big,  air  chor 
agus  nach  'eil  a  bheag  de  dhaoine  ann  an 
ughdarras  an  diugh,  anns  an  eaglais  no  anns 
an  rioghachd,  nach  'eil  a'  creidsinn  le  'n 
uile  chridhe  gur  h-aithne  dhaibh  fada  fada 
na  's  fhearr  na  's  aithne  dhuitsa  no  dhomhsa 
ciod  a  bhiodh  maith  dhuinn  agus  ciod  a 
dheanadh   sona   sinn. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  bha  la  ann  a 
dh'  fhaodadh  tu  do  dhorus  a  dhunadh  air 
na  ciobairean,  agus  cleas  an  dreathainn, 
do  chasan  a  sgaoUeadh  gu  farsuinn  'n  ad 
thigh  fhein,  Ach  dh'  fhalbh  an  la  sin, 
agus  an  diugh  tha  thu  air  do  bhuachailleachd 
o  'n  la  a  thig  thu  a  steach  do  'n  t-saogahl 
gus  an  la  am  fag  thu  e.  An  uair  a  thig  thu, 
tha  ciobahean  a'  feitheamh  ort,  le  troigh 
agus  sligean-tomhais  'n  an  laimh,  a  dh' 
fheuchaimi  a  bheil  am  fad  agus  an  cudthrom 
ceart  annad,  agus  an  uair  a  shiubhlas  tu 
tha  ciobairean  eile  a'  sealltuinn  as  deidh 
na  feadhnach  a  chuir  fo  'n  talamh  thu,  a  dh' 
fheuchainn  an  do  chuir  iad  domhain  gu  leor 
thu. 

Tha  e  fior  gun  teagamh  gu  bheil  tomhas 
maith  de  'n  chiobaireachd  a  tha  an  Staid 
a'  deanamh  oirnn  feumail  agus  neo-dhraghail 
dhuinn,  agus  nach  gabhadh  i  seachnadh 
anns  na  laithean  so  anns  a  bheil  ughdarras 
na  Staide  a'  teannachadh  air  beatha  an  t- 
sluaigh.  Ach  chan  ann  air  an  Staid  a  tha 
m'  aire  agus  mo  sheanchas  an  drasd,  agus 
idtr  chan  anil  air  an  Staid  no  air  Maighstir 
Atlee  a  tha  mi  a'  gearan,  ach  air  ciobairean 
beaga  a  rinn  troimh-cheile  ann  an  Cille- 
sgumain  nach  dichuimhnich  an  t-Urramach 
Niall  Mac  Pharlam,  B.D.,  gu  brath. 

Bean  a'  Choirneil 

An  aithne  dhuit  bean  a'  Choirneil  ?  Mur 
h-aithne  dhuit  i  fo  'n  ainm  sinn  theagamh 
gur  aithne  dhuit  i  fo  ainm  eile,  oir  tha 
bean  a'  Choirneil  anns  a  h-uile  sgir  eadar 
am  Buta  Leodhasach  agus  a'  Chrioch 
Shasunnach. 

La  de  na  laithean  bhuail  e  ann  an  ceann 
bean  a'  Choirneil  nach  robh  luchd-oibre  a  bha 
timchioll  air  an  Tigh  Mhor  cho  stuama  no 
cho  modhail  's  a  bu  choir  dhaibh  a  bhith, 
agus    nach    robh    am    mnathan    a'    cumail 


an  tighean  no  an  cloinne  cho  glan  's  a  dh' 
fhaodadh  iad  a  bhith.  Ann  an  cabhaig 
chuir  i  fios  air  a'  mhinisttar,  is  thuirt  i  ris 
gu  'm  feumadh  rud-eigin  a  bhi  air  a  dhean- 
amh  gun  dail  air  neo  nach  biodh  annta 
gu  goirid  ach  Bolshevics  gun  mhodh  gun 
bheusan. 

Ann  an  guth  a  bha  critheanach  le  diirachd 
agus  soluimteachd,  mar  gu  'm  biodh  i  a' 
labhairt  mu  eirigh  agus  mu  thuiteam 
rioghachdan,  thuirt  i  ris  gu  'm  faca  i  le  a 
suilean  fhein  Calum  Crotach  a'  tighinn  a 
mach  as  an  tigh-osda,  agus  an  gobhainn  air 
an  dara  taobh  dheth  agus  Iain  Mac  Phail 
air  an  taobh  eUe  'g  a  chumail  'n  a  sheasamh, 
agus  gu  robh  Calum  a'  glaodhach  cho  ard 
's  gu  robh  i  cinnteach  gur  h-ann  a'  mionnach- 
adh  a  bha  e. 

Dh'  innis  i  dha  cuideachd  gu  'n  cual  i  o 
bhean  a'  bhancair  nach  robh  Celt  Mhor 
Cheann-na-Coille  a'  sguabadh  an  tighe  ach 
uair  's  an  d^  latha,  agus  gu  robh  casan  a' 
bhrogaich  aice  cho  dubh  ris  a'  phoit  leis  an 
t-salchar.  An  sin  thuirt  i  gu  'm  feumadh 
iad  coinneamh  a  ghairm  agus  comunn  a 
chur  air  chois  a  chiobaireachd  Chaluim 
agus  Celt  Mhor,  agus  feadhainn  eUe  nach  robh 
a'  cumail  an  casan  glan,  no  a  dh'  fheumadh 
an  taic  a  leigeil  ris  a'  ghobhainn  oidhche 
Di-sathuirne. 

Ghabh  am  ministear  lethsgeul  Chaluim 
agus  Celt  mar  a  b'  fhearr  a  b'  urrainn  dha, 
agus  dh'  fheuch  e  air  aithis  fhein  ri  stad  a 
chur  air  bean  a'  Choirneil  agus  air  gairm 
na  coinnimh,  ach  b'  e  sin  dhasan  a  bhi 
feuchainn  ri  tilleadh  a  chur  air  a'  Chuan 
Shiar. 

Bha  a'  choinneamh  air  a  gairm ;  bha 
Comunn  air  a  chur  air  chois  agus  luchd- 
dreuchd  air  an  taghadh,  agus  thainig 
ministear  mor  a  Dim-eideann  a  liubhair 
searmon  druidh  teach  an  eaglais  Chille- 
sgumain  o  'n  cheann-teagaisg.  Am  mise 
fear-gleidhidh  mo  bhrathar. 

An  Cdimeal 

Bha  teaghlaichean  an  aite  air  an  roinn 
am  measg  a'  Chomuinn,  an  uiread  so  air  a 
chur  air  chiiram  gach  ciobair,  ach  gu  mi- 
shealbhach  thainig  e  air  a'  Choirneal  Calum 
Crotach  a  chiobaireachd,  Cha  robh  an 
Coirneal  anabarrach  togarrach  anns  an  obair 
nodha  ud  na  's  mo  na  bha  am  ministear, 
ach  bu  toigh  leo  le  cheile  sith,  is  cha  robh 
iad  air  son  dol  an  aghaidh  nam  ban. 

Air  uairean  tha  rudan  cho  neonach  a' 
tachairt  's  gu  'n  saoileadh  tu  gu  bheil 
abhacas  agus  dibhearsoin  ann  an  cridhe  an 
Urra  Mhoir  a  tha  a'  cur  mu  'n  cuairt  cuibheal 
an  fnortain,  agus  gu  'm  bi  e  a'  gaireachduin 
gu  beag  ris  fhein  an  uair  a  bhios  a'  chuibheal 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


a'  cur  a'  Choirneil  a  bhuachailleachd  Chaluim 
Chrotaich. 

Bu  choir  an  duine  an  Coirneal,  ach  bha 
aodann  air  cho  dearg  ri  cirean  coilich,  fada 
na  bu  deirge  na  aodann  Chaluim,  agus  air 
a  dhathadh  leis  a  cheart  stuth,  ach  a  mhain 
gu  'm  biodh  an  Coirneal  'g  a  cheannach 
'n  a  bhotuil  agus  Calum  'n  a  ghloinneachan. 
Sin  aon  bhann  a  bha  eadar  an  dithis,  eadar 
an  ciobair  agus  a'  cnaora. 

Ged  bhiodh  Calum  a'  mionnachadh  uair 
's  an  t-seach-duin  cha  rachadh  aige  air 
mionnachadh.  ach  ann  an  aon  chanain,  agus 
cha  robh  e  ro  chuimseach  leo  anns  a'  GhaicLh- 
lig  fhein.  Ach  rachadh  aig  a'  Choirneal 
air  mionnachadh  ann  an  coig  canainean, 
agus  cha  b'  ann  uair  's  an  t-seachduin  a 
bhiodh  e  a'  damnadh  ach  fichead  uair  's  an 
latha. 

Ged  a  bha  an  da  bhann  so  eatorra  cha  bu 
toigh  leo  a  cheile  idir.  Cha  bu  toigh  leis 
a'  Choirneal  Calum  a  chionn  gu  robh  taobh 
aige  ris  na  Boers  an  cogadh  na  h-Afric,  agus 
cha  bu  toigh  le  Calum  an  Coirneal  a  chionn 
gu  'n  do  chuir  e  an  gunna  ri  measan  coin  a 
bha  aige,  a  bhiodh  a'  dol  as  deidh  chaorach. 

Cha  chuala  Calum  diog  mu  choinneamh 
nan  ciobairean,  agus  cha  mho  a  chual  e  gu 
robh  an  Coirneal  air  a  shonrachadh  gu  bhi 
'n  a  fhear-gleidhidh  airsan.  Mar  sin  chuir 
6  ionghnadh  nach  bu  bheag  air  an  Coirneal 
a  bhi  tighinn  'g  a  fhaicinn  cho  trie,  duine 
nach  do  sheas  riamh  roimhe  'n  a  thigh. 
Ach  shaoil  e  gu  robh  e  a'  miannachadh  ann 
an  deireadh  a  laithean  a  bhi  reidh  ri  choimh- 
earsnaich,  a  thigh  a  chur  an  ordugh  agus  a 
shith  a  dheanamh-  ri  Dia  agus  ri  daoine  o 
'n  a  bha  an  aois  a'  laighe  air  agus  am  bas 
a'  tighinn  dliith. 


Mar  sin  bha  Calum  siobhalta  agus  furanach 
ris  a'  Choirneal  a  h-uile  uair  a  thigeadh  e 
'g  a  fhaicinn,  oir  ged  nach  robh  curam  anma 
air  fhein,  no  suim  aige  do  'n  diadhaidheachd, 
cha  bu  mhaith  leis  ceap-tuislidh  a  chur 
roimh  dhuine  eile  a  bha  ag  iarraidh  gu 
neamh.  B'  e  sin  an  t-aobhar  gu  'n  do 
ghitilain  Calum  cho  faidhidinneach  ri  rabh- 
aireachd  a  Choirneil  mu  'n  uisge-bheatha, 
dull  a  bhi  aige  gu  robh  a  choguis  air  a 
diisgadh.  Ars  esan  ris  a'  ghobhainn,  "  tha 
an  t-am  aig  a'  Choirneal  aithreachas  a 
dheanamh,   agus  is  mor  fheum  air." 

Deireadh  a'  ghnothuich 

Ach  an  uair  a  thuig  Calum  nach  ann  idir 
air  ghaol  fhaoisid  a  dheanamh  a  bha  an 
Coirneal  a'  tadhall  air  ach  'g  a  chiobaireachd 
ghabh  e  an  cuthach  dearg.  Bha  sradag  de 
spiorad  Chain  'n  a  chridhe  co  dhiubh,  ach 
an  uair  a  fhuair  e  dileag  de  spiorad  puinn- 
seanta  eile  air  oidhche  Di-sathuirne  b' 
fheudar  do  thriiiir  eile  dol  a  chuideachadh 
a'  ghobhainn  'g  a  cheannsachadh,  agus  e  air 
son  an  Coirneal  a  mhort. 

Bha  Ceit  Mhor  a  cheart  cho  dona  ri  Calum. 
Thug  i  ruith  de  'n  teangaidh  do  bhean 
a'  bhancair  air  am  bi  cuimhne  aice  fad 
iomadh  latha,  agus  gus  diilain  a  thoirt  do 
Chomunn  na  ciobaireachd  cha  do  sguab  i  an 
tigh  fad  seachduin. 

Thog  bean  a'  Choirneil  ann  am  baUe  beag 
iib-ab  nach  siolaich  fad  iomadh  latha, 
oir  chan  'eil  fhios  aca  a  nis  c6  na  ciobairean 
no  CO  na  caoraich. 

Is  e  an  gliocas  do  'n  h-uile  duine  an 
siubhal  a  leigeil  le  daoine  eile  agus  e  fhein 
a   chiobaireachd. 


Creideamhan  Neonach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.  A.,  an  Govan. 
(Air  a  leantuian) 


An  inntiim  agus  an  corp 

(&)  Am  measg  gach  neonachais  a  tha 
anns  an  leabhar  aice  tha  Mairi  Baker  Eddy 
a'  cur  sios  morain  a  tha  fior  agus  sgriobturail, 
agus  faodaidh  sinn  a  radh  mu  bheannachd 
sam  bith  a  thainig  air  feadhainn  mar  thoradh 
air  a  bhi  leantuinn  na  h-Ealdhain  Chriosdail 
gu'n  tainig  a'  bheannachd  sin  bho'n  t-siolan 
beag  de'n  Fhirinn  a  tha  am  falach  anns 
a'  mholl  leis  am  bheil  an  leabhar  Ian.  Tha 
Facal  an  Tighearna  '  cumhachdach,  agus 
faodaidh  e  eadhon  tre  droch  dhuine,  no 
air  a  mheasgadh  ann  an  leabhar  leanabail 
beannachd  a  thoirt  do  dhaoine  air  an  ruig  e. 


An  corp  agus  a  chor  , 

(4)  Am  bheil  dad  aig  Mairi  Baker  Eddy 
ri  theagasg  dhuinne  anns  na  h-Eaglaisean  ? 
Tha  mi  a'  smuaineachadh  gu'm  bheil.  Tha 
i  mar  gu'm  b'eadh  'g  ar  gakm  air  ais  gu  bhi 
cuimhneachadh  gu'm  bheil  Soisgeul  Gras 
Dhe  ann  an  Criosd  air  a  chiallachadh  a  chum 
maith  an  duine  gu  corporra  a  cheart  cho 
math  ri  a  mhaith  spioradail.  Bha  Criosd 
fhein  a'  leigheas  cuirp  dhaoine  agus  thug 
e  so  mar  chomharradh  air  an  dream  a 
chreideas— "  cuiridh  iad  an  lamhan  air 
daoinibh  tinne  agus  bithidh  iad  slan  "  (Marc 
xvi.  18).     Agus  ciod  a  tha  air  a  chiallachadh 


AIG  AN  UINNEIG 


leis  na  briathran  so  ami  an  Litir  Sheumais 
(v.  14-16)  :  "  am  blxeil  neach  sam  bith  tinn 
'n  'ur  measg  1  cuireadh  e  fios  air  seanairean 
na  h-eaglais  ;  agus  deanadh  iad  urnuigh 
OS  a  cheann,  'ga  ungadh  le  h-oladh  ann  an 
ainm  an  Tigheanra  :  agus  slanuichidh 
urnuigh  a'  chreidimh  an  t-euslan,  agus 
togaidlx  an  Tighearna  suas  e  .  .  .  tha  m6r- 
eifeachd  ann  an  tirnuigh  dhtirachdaich  an 
fhirein  "  ? 

Tha  mi  fhein  gle  chinnteach  gu'm  bheil 
ealantachd  is  sgil  nan  dotau'ean  dhuinn  mar 
bheannachd  bbo  Dhia  ;  ach  tha  mi  mar  an 
ceudna  cinntqach  gu'n  teid  aig  daoine  tre 
chreideamh  agus  iirnuigh  air  mor-fheum 
a  dheanamh  dhaibh  fhein  a  thaobh  slainte 
na  bodhaige  a  cheart  cho  math  ri  slainte  an 
anma.     Rinn  Dia  an  duine  'na  chorp  agusl 


'na  anam,  agus  rinn  Dia  an  saoghal  anns  am 
bheil  an  duine  beo.  Agus  dh'fhoillsich  Dia 
ann  an  Criosd  meadhon  a  chuidicheas  an 
duine  gu  bhi  mar  is  coir  dha  ann  an  corp 
agus  ann  an  anam,  agus  gu  bhi  tighinn  beo 
ann  an  co-chomunn  ceart  ri  daoine  eile  anns 
an  t-saoghal  so.  Is  ann  do  bhrigh  's  nach 
'eil  sinn  a'  lan-thuigsinn  na  tha  taisgte  's 
an  Fhirinn  agus  nach  'eil  sinn  a'  cur  an 
cleachdadh  na  tha  sinn  a'  tuigsinn  a  tha 
uibhir  dhinn  cho  fann  mar  luchd-leanmhuinn 
Chriosd.  Thubhairt  am  bard,  "  Tha  agam 
ann  an  Criosd  na  tha  m'anam  bochd  ag 
iarraidh,"  agus  tha  againn  ann-san  cuideachd 
na  bheannaicheas  ar  cuirp  agus  ar  cor 
saoghalta.  Ma  tha  dad  de  mhaith  arm  an 
teagasg  na  h-Ealdhain  Chriosdail,  chan  'eil 
dad  math  ann  nach  fhaighear  air  dhoigh 
ina'sfhearr  ann  an  Soisgeul  Chriosd. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Seumas  Duff  MacDhomhnuill, 
M.A. 

BHA  moran  dhaoine  an  Dim-eideann  agus 
anns  a'  Ghaidhealtachd,  a  thuilleadh  air 
a  choimhthional  fhein,  duilich  a  chluinntinn 
gu  'n  do  chaochail  am  mmistear  caomh  so 
an  deireadh  October. 

Rugadh  e  an  Ceann-Loch-Birbhidh  an 
1872,  mac  do  Phadraig  Domhnullach  a  bha 
'n  a  mhaighstir-sgoil ;  bha  e  air  oileanachadh 
an  Inbhir-nis  agus  an  Oil  thigh  Dhtm- 
eideann,  agus  cead-searmonachaidh  air  a 
thoirt  dha  le  Cleir  Ghrianaig.  An  deidh 
dha  bhi  greis  'n  a  fhear-cuideachaidh  an 
Eaglais  Ghaidhlig  Ghrianaig  agus  an  Srath- 
churra,  bha  e  air  a  shuidheachadh  an  sgir 
Dhiur-innis  an  Cataibh,  far  an  do  choisinn 
e  dha  fhein  deagh-ghean  an  t-sluaigh.  Bha 
e  seachd  bliadhna  deug  an  Cataibh,  ach  an 
1917  chaidh  e  do  Eaglais  an  Naoimh  Oran, 
an  Dim-eideann,  far  an  do  shaothraich  e 
gus  an  d'  thatnig  a'  chrioch  air. 

Bha  e  'n  a  dhuine  ciiiin  agus  'n  a  mhinis- 
tear  dileas,  glic  'n  a  fhacal  agus  'n  a  ghiulan, 
agus  daonnan  toileach  air  lamh  a  bhi  aige 
ann  an  obair  air  bith  a  bha  chum  feum  do 
Ghaidheil  oga  anns  a'  bhaUe-mhor.  Cha 
robh  a  bhodhaig  cho  laidir  ri  dhiirachd  agus 
'eud,  ach  ged  nach  robh  e  bras  no  tartarach 
'n  a  liubhairt  bha  e  grunndail  agus  ordail 
'n  a  theagasg,  agus  b'  fhiach  do  dhaoine 
ciallach  eisdeachd  ris. 

Cha  robh  e  riamh  posda  ;  bha  e  fhein  's 
a  phiuthar  comhla  uile  laithean  am  beatha. 

An  Raidheachan  Soisgeulach 

Anns  an  da  ^ireamh  mu  dheireadh  de  'n 
Raidheachan  so  tha   seanchas  as  fhiach  a 


leughadh  air  a  dheanamh  air  iomadh  cuspair 
le  sgoilearan  taghta,  aig  a  bheil  b^igh 
ri  teagasg  soisgeulach  nan  aithrichean  agus 
a  tha  a'  feuchainn  ri  tighdarras  a'  Bhiobuill 
a  chumail  gun  bhriseadh.  Chan  'eU  sin 
furasda  a  dheanamh  anns  na  laithean  so 
anns  a  bheil  iomadh  guth  a'  cur  teagaimh, 
chan  ann  a  mhain  ann  an  ughdarras  a' 
Bhiobuill  ach  ann  an  teagasg  a'  Bhiobuill. 
Tha  moran  dhaoine  anns  an  t-suidheachadh 
so  an  diugh,  gu  bheil  iad  a'  gabhail  ris  a' 
chuid  sin  de  theagasg  Chriosd  ris  a  bheil 
an  reusan  fhein  ag  aontachadh,  ach  a'  cur 
ciil  ri  cuid  eUe  d'  a  theagasg  a  chionn  gu 
bheil  iad  an  diiil  nach  'eil  ann  ach  na  beach- 
dan  anabuich  agus  leanabail  a  bha  aig  na 
h-Iudhaich  anns  an  linn  anns  an  robh  e  beo. 
Ciod  iad  na  nithean  a  tha  siorruidh  ann  an 
teagasg  agus  ann  am  briathran  Chriosd, 
agus  ciod  iad  na  nithean  nach  'eil  ach 
ainisireil  ?  An  uair  a  tha  Dia  'g  a  fhoillseach- 
adh  fein  anns  an  fhedil,  no  ann  an  duine, 
a  bheil  am  foillseachadh  sin  buaUteach  do 
mhearachdan  a  bhi  ann  ?  An  do  labhair 
Criosd  air  uairean  mar  Dhia,  agus  air  uairean 
eile  mar  dhuine  1  Agus  ciamar  is  urrainnear 
a  radh  c'  uin  a  rinn  e  an  dara  ni  no  a  rinn 
e  an  ni  eile  ?  Sin  ceistean  a  tha  air  an 
togail  anns  an  Raidheachan  so. 

Air  uairean  tha  e  duUich  leabhraichean 
fhaotainn  anns  a  bheU  obair-sgoUearachd  nan 
aithrichean  agus  nan  seann  diadhairean  ri 
leughadh,  ged  tha  e  furasda  gu  leor  leabh- 
raichean na  sgoUearachd  iir  agus  leabh- 
raichean nam  mi-chreidmheacJi  fhaotainn, 
ach  ann  am  fear  de  na  Raidheachain  so  tha 
an  t-Urramach  E.  F.  Kevan,  B.D.,  agus 
D.  M.  Lloyd-Jones,  M.D.,  ag  innseadh  mu 


0 


ANNS  AN  EIPHIT 


loabhar-lann  ann  an  Lunnainn,  aig  53 
r*loucester  Road,  Kensington,  S.W.7,  far  a 
bheil  cruinneachadh  mor  de  na  Isabhraichean 
sin  air  an  tasgadh,  agus  fosgailte  do  dluiine 


air  bith  a  tha  air  son  an  leughadh.  Cuiridli. 
iad  leabhar  air  bith  a  dh'  iarras  tu  chugad 
leis  a'  Phosta  ma  phaigheas  tu  a'  phostair- 
eachd  air  ais  agus  air  aghaidh. 


Loch-aillse 


AIR  an  29mh  la  de  'n  t-Sultuin  choinnich 
grunnan  matli  de  choimh-thional  Loch- 
aillse  an  tigh-mor  Bhaile-mac-ara  gus  an 
diirachd  agus  an  speis  a  nochdadh  do  'n  Urr. 
[ain  Mac  Gill-eathain  air  dha  bhi  a'  leigeil 
(Iheth  a  dhreuchd  an  deidh  coig  bliadhna 
deug  thar  fhichead  'n  a  mhinisteir  's  an 
sgire,  agus  a  bha  'n  a  chomharlaiche 
tairis  agus  glic  araon  an  am  broin  agus 
sonais. 

Thugadh  pasgan  tomadach  notaichean 
do  'n  mhinisteir  a  laimh  na  mnatha-uasail 
Dughlasach,  Ban-tighearna  Chill-Fhaolain, 
agus  fear  eile  do  a  phiuthair  le  laimh  na 


Ban-ridir  Hamilton.  Rinn  an  dithis  iomradli 
deas-bhriathrach  air  beusan  na  dithis,  agus 
chuir  oraid  an  Lighiche  MacRath  a'  chlach- 
mhullaich  air  moladh  na  caraid.  Thug 
an  dithis  aoighean  taing  do  gach  neach  a 
chuir  an  lamh  ris  na  tiodhlacan,  agus  thubh- 
airt  iad  gu  'n  robh  an  tlachd  air  sluagh  agus 
sgire  Loch-aillse  cho  bed  agus  gu  'n  do 
roghnaich  iad  a'  chuid  eile  de  am  beatha  a 
chur  seachad  'n  am  measg.  Troimh  choibh- 
neas  na  Ban-ridir  Hamilton  fhuair  na  bha 
lathair  tea  eireachdail  agus  chuir  sin  crioch 
iomchuidh  air  coinneamh  cho  cairdeil  caid- 
reach  's  a  chunnacas  riamh. 


Daibhidh    Urchadan,  Tigh-Sgoile  Chill-Fhaolain. 


Anns  an  Eiphit 

Leis  an  Ollamh  Eoghan  G.  Mac  Fhraing. 


AIR  mo  rathad  dhachaidh  a  Astralia  fhuair 
mi  fios  o  charaid  caomh,  nach  maireann  an 
diugh,  ag  radh  gu  'n  robh  e  deonach  gu  'm 
bith  inn  a'  faotainn  sealladh  air  an  Eiphit 
agus  an  Roimh  mu  'n  tillinn  air  m'  ais  as 
an  aird-an-ear,  agus  aig  a'  cheart  am  chuir 
e  thugam  ciad  punnd  Sausnnacb  mar 
dhearbhadh  air  a  dheoin,  gu  bhi  dioladh 
cosd  mo  chuairt  'n  am  bithinn  'g  a  gabhail. 

Cha  bhi  ionghnadh  air  duine  sam  bith 
gu  'n  do  chuir  mi  fios-freagairt  air  ais  gu 
'm  bithinn  a'  gabhail  cothrom  na  tiodhlaic 
agus  a'  toirt  moran  taing  do  mo  charaid  caomh 
air  son  a  chaoimhneis  ann  a  bhi  toirt  cothrom 
dhomh  a  bhi  meudachadh  m'  eolais. 

Chuir  mo  charaid  caomh  nach  maireann 
laithean  oige  seachad  anns  na  h-Innsibh-an- 
ear,  far  an  do  rinn  e  moran  airgid.  Cha  do 
phos  e  riamh,  agus  is  e  bha  nis  a'  toirt 
toilinntinn  dha  os  cionn  gach  ni  eile  a  bhi 
a'  faotainn  aoibhneis  anns  an  aoibhneas  a 
bha  e  toirt  do  nihuinntir  eile,  agus  saoilidh 
mise  gur  e  so  an  t-aoibhneas  air  am  bheil 
faile  na  naomhachd  as  airde  a  tha  ri  bhi 
air  a  mhealltuin  air  thalamh,  oir  is  e  so  an 
t-aoibhneas  a  tha  an  Cruithfhear  a'  foillseach- 
adh  dhuinn  o  la  gu  la  ann  a  bhi  toirt  "  air 
a'  ghrein  a  bhi  ag  eh'igh  air  na  droch  dhaoih- 
ibh  agus  air  na  daoine  maithe  agus  a'  cur 
uisge  air  na  fireanaibh  agus  air  na  neo- 
fhireanaibh." 


B'  e  saoghal  ur  a  bhiodh  ann  na  'm 
bitheadh  an  giiilan  so  'n  chleachdadh 
coitchionn  am  measg  clann  nan  daoine. 

Bithidh  e  a'  tighinn  a  stigh  orm  mu 
dhaoine  aig  am  bheil  cothrom  gu  bhi  a' 
toirt  aoibhneis  do  mhuinntir  eile  agus  nach 
'eil  'g  a  dheanamh  'n  am  beatha,  le  'n  saor 
thoil,  gu  'm  bi  an  cothrom,  nior  thaing, 
air  a  thoirt  as  an  lamhan  aig  a'  cheann  mu 
dheireadh,  agus  ma  tha  aoibhneas  sam  bith 
co-cheangailte  ri  'n  cuid  cha  bhi  iadsan  beo 
gu  bhi  gabhail  pairt  ann,  agus  nach  b'  fhearr 
dhaibh  gu  mor  a  bhi  a'  deanamh  an  caoimh- 
neis  cho  fada  's  a  tha  an  anail  'n  an  com 
chum  gu  'm  bitheadh  cothrom  aca  a  bhi 
a'  faotainn  aoibhneis  anns  an  aoibhneas  a 
tha  iad  a'  toirt  do  mhuinntir  eile, 

Ann  an  Cairo 

An  uair  a  rainig  sinn  Suez,  am  port  aig 
ceann-an-ear  an  "  Suez  Canal,"  chaidh 
sinn  air  tir,  agus  bha  carbadan  a'  feitheamh 
oirnn  gu  bhi  'g  ar  giulan  gu  Cairo,  ard-bhaile  na 
h-Eiphit,  a  bha  da  fhichead  mile  air  falbh. 

Bha  an  rathad  comhnard,  reidh,  le  clar 
cho  liomh  's  a  dh'  iarradh  tu,  ach  ma  bha 
an  rathad  math  bha  an  duthaich  mu  'n 
cuairt  lorn,  tioram,  fasail  gun  duilleag  ghorm 
ri  fhaicinn  cho  fada  's  a  chitheadh  tu,  agus 
thainig  e  steach  ann  am  inntinn,  na  'm  b' 
ann  air  an  rathad  so  a  thainig  sean  daoine. 


ANNS  AN  EIPHIT 


imiathan  agus  leanaban  nan  Israelach  an 
uair  a  bha  iad  a'  teicheadh.  as  an  Eiphit  bu 
chulaidh-bhroin  da  rireadh  an  staid. 

An  uair  a  bha  sinn  mu  leth  an  rath  aid 
eadar  d^  cheann  ar  turuis  stad  sinn  aig 
tigh-osda  a  cbaidh  a  thogail  air  son  luchd- 
turuis  far  an  d'  fhuair  sinn  greim  bidh  agus 
deoch  a  chaisg  ar  pathadh. 

An  uair  a  bha  sinn  a'  tarruing  dluth  do 
Chairo  chaidh  sinn  troimh  Heliopolis,  aite 
a  bha  gle  ainmeil  ann  an  sean  eachdraidh 
na  dtithcha  agus  an  diugh  a  tha  tighinn  gu 
aithne  ur  oir  is  ann  an  so  a  tha  am  port- 
itealaich  as  mo  a  tha  's  an  Eiphit  air  a 
shuidheachadh. 

'Sea'  cheud  aite  ann  an  Cairo  gus  an 
deachaidh  sinn  an  talla  mor  anns  am  bheil 
na  sean  nithean  air  an  tasgadh  a  tha  co- 
cheangailte  ri  sean  eachdraidh  na  rioghachd, 
cuid  diubh  a'  dol  air  an  ais  na  miltean  de 
bhhadhnachan. 

Bithidh  cuimhne  aig  cuid  d'  ar  luchd- 
leughaidh  air  an  iomradh  ghogailleach  a 
chaidh  air  feadh  an  t-saoghail  an  uair  a  bha 
uaigh  an  Righ  Tutankhamen  air  fhaotainn 
ann  an  aite  a  tha  nis  fasail,  gun  tigh  am 
fagus  no  fios  gu  'n  robh  i  idir  ann.  Bha 
an  uaigh  air  a  suidheachadh  ann  an  seomar 
mor  a  chaidh  a  chladhach  fo  'n  talamh. 
A  reir  coltais  cha  robh  a  mhuinntir  a  chladh- 
aich  an  uaigh  ag  iarraidh  gu  'm  bitheadh 
daoine  a'  faotainn  innte.  Bha  i  air  a 
seulachadh  mar  a  b'  fhearr  a  b'  urrainn 
dhaibh  leis  na  h-innleachdan  a  bha  aca  anns 
an  ^m. 

A  reir  creideamh  nan  Eiphiteach  aig  an 
am  bha  e  iomchuidh  gu  'm  biodh  na  righrean 
air  an  tiodhlacadh  ann  an  doigh  cho  cosdail 
's  a  bha  freagarrach  ri  an  suidheachadh 
aimsireil.  Agus  aig  a'  cheart  ^m  bha  an 
creideamh  air  an  14  ud  a'  teagasg  gu  'n  robh 
spioradan  nam  marbh  beo,  agus  gu  'n  robh  e 
iomchuidh  gu  'm  bitheadh  gach  goireas  air 
uidheamachadh  air  an  son  a  reir  mar  a 
chleachd  iad  'n  an  seomairean-leabaidh  an 
uair  bha  iad  beo.  Mar  sin  bha  airneis  de 
gach  seorsa  a  bha  freagarrach  air  son  seomar- 
leabaidh  air  fhaotainn  anns  an  t-seomar 
mhor  a  chaidh  a  chladhach  air  son  uaigh 
Tutankhamen,  agus  bha  gach  mir  dheth 
air  a'  chomhdachadh  le  riisg  oir. 

Na  barra-chaoil 

Bha  moran  iomraidh  air  feadh  an  t- 
saoghail  an  uair  a  thainig  sgeul  na  h-uaighe 
gu  follais  agus  bha  moran  de  'n  bheachd  nach 
bu  choir  a  bhi  bunntain  rithe  ach  bha  gach 
ni  a  bha  's  an  uaigh  air  a  thogail  aisde  agus 
air  a  chur  anns  an  talla  mhor  ann  an  Cairo 
far  am  bheil  na  sean  nithean  a  bhuineadh 


do  na  sean  righrean  air  an  tasgadh,  agus  far 
am  faca  sinn  iad — sealladh  gle  chianail  a  bh' 
ann,  agus  gnothuch  gle  iongantach  ged  nach 
fhada  bho  'n  a  chaidh  an  sptiilleadh  a 
dheanamh  chan  'eil  duine  aig  an  robh  l^mh 
anns  an  obair  beo  air  an  14  diugl . 

An  deidh  dhuinn  ar  diot  a  bhi  againn  ann 
an  tigh-osda  ainmeil  far  am  bheil  moran  de 
mhaithean  a  America  agus  as  an  Roinn- 
Eorpa  gu  trie  a'  cur  seachad  a'  Gheamhraidh, 
a'  teicheadh  bho  fhuachd  na  h-airde  tuath, 
bha  sinn  air  ar  giiilan  gu  bhi  faicinn  na 
barra-chaoil  ris  an  canar  na  "  Pyramids  " 
a  tha  ann  an  aite  beagan  mhiltean  o 
mheadhon  Chairo.  Chunnaic  sinn  tri  dhiubh. 
Bha  iad  air  an  togail  gu  bhi  'n  an  c4rn-dion 
thairis  air  uaighean  righrean.  Tha  4ireamh 
dhiubh  ann  an  aitean  eile  de  'n  duthaich, 
agus  is  iad  na  togailean  as  seasmhaiche  a 
chaidh  riamh  a  thogail  le  lamh  duine.  Tha 
an  fheadhainn  as  sine  a'  dol  air  ais  miltean 
de  bhliadhnachan.  Chaidh  an  t-aon  as  mo 
a  thogail  le  righ  de  'n  ainm  "  Cheops,"  a 
righich  eadar  na  bliadhnachan  3095-3032 
B.C.  Tha  e  ceithir-cheariiach  leis  gach 
taobh  corr  is  seachd  ceud  troidh  ann  am 
meudachd,  agus  tha  e  corr  is  ceithir  cheud 
troidh  ann  an  4irdead.  Is  e  obair  do- 
labhairt  a  bha  'n  a  thogail.  Tha  eachdraidh 
ag  innseadh  dhuinn  gu  'n  do  ghabh  e  fichead 
bliadhna  agus  gu  'n  robh  deich  mile  pearsa 
an  sas  anns  an  obair  aig  aon  am. 

Th£i.  aghaidh  nan  clachan  air  an  snathadh 
gu  grinn,  agus  tha  iad  air  an  cur  ri  cheile 
cho  sgileil  nach  urrainnear  mearachd  fhao- 
tainn ann  an  obair  luchd-ceairde,  agus  a 
chum  agus  gu  'm  biodh  iad  de  'n  aon  ghne 
bha  iad  air  an  luasgadh  a  sgor-bheinn  a  bha 
seachd  ceud  mile  air  falbh  agus  bha  iad 
air  an  aiseag  ann  an  luing  air  abhainn  mhor 
na  h- Eiphit  gus  am  port  a  bu  dliiithe  do  'n 
laraich.  Tuigidh  duine  cruadal  na  h-oibre 
a  bha  so.  Tha  cuid  de  na  clachan  leth 
cheud  tunna  ann  an  cudthrom,  agus  tha 
iongantas  air  daoine  sgileil  eadhon  air  an 
la  diugh  ciamar  a  bha  iad  air  an  cur  'n  an 
aite. 

Bha  na  barra-chaoil  air  an  togail  air 'an 
aon  chumadh.  An  deidh  do  na  ceithir 
ballachan  a  bhi  air  an  cur  'n  an  seasamh  gu 
airdead  tighe  tha  na  ceithir  taoibh  a'  cumhan- 
nachadh  uidh  air  n-uidh  gus  am  bheil  iad 
ag  aonachadh  le  cheile  air  a  mhullaeh.- 

Tha  slighe  dhiomhair  aig  bonn  gach  aoin 
a'  treorachadh  gus  an  seomar  ann  an  teas- 
meadhoin  na  laraich  anns  an  robh  an  corp 
gu  bhi  air  a  thasgadh,  agus  an  uair  a  bha  an 
corp  air  a  thiodhlacadh  bha  am  bealach  air 
a  dhunadh  le  torr  chlachan  nach  biodh 
furasd  a  ghluasad. 


ANNS  AN  EIPHIT 


Bochdainn  an  t-sluaigh 

Bha  dumhlachd  sluaigh  de  mhuinntir  na 
duthcha  cruinn  an  uair  a  bha  sinn  a'  coimhead 
air  na  barra-chaoil  agus  gach  fear  dhiubh 
a'  feuchainn  am  faodadh  e  rud  air  bith  a 
dheanamh  no  a  radh  a  bhiodh  a'  cosnadh 
sgillinn  no  dha  dha  fein.  Bha  iad  modhail 
gu  leor,  ach  is  e  so  a'  bhochdainn  a  chunnaic 
mi  am  neasg  dhaoine  na  h-aird-an-ear,  nach 
'eil  an  inntinn  ag  oibreachadh  le  lan-fhoghlum 
no  le  lan-eolas,  agus  nach  'eil  breithneachadh 
luchd-aiteachaidh,  nan  tirean  sin  cho  farsuing 
no  cho  domhain  's  a  tha  breithneachadh 
luchd-aiteachaidh  nan  duthchannan  's  an 
aird-an-iar — failinn  a  bu  choir  a  bhi  air  a 
chumail  air  chuimhne  anns  a  h-uile  gnothuch 
a  tha  againn  riu.  Tha  tuilleadh  is  a  choir 
de  dhiomhanas  's  an  Eiphit,  agus  mar  as 
gnath  tha  a  bhochdainn  a'  leantuinn  an 
diomhanais,  mi-shuain  a  leantuinn  na  boch- 
dainn, ceannaireeas  a  leantuinn  na  mi- 
shuain,  troimh-cheile  a  leantuinn  na  cean- 
naireeas, agus  tha  gach  smal  dhiubh  sin  ri 
bhi  air  fhaicinn  's  an  duthaich  ghrianach  so, 
agus  mar  so  tha  i  na  h-aobhar  chunaaird  do 
dhuthchannan   eile. 

Bha  feasgar  aUlidh  a  luidhe  air  an  tir, 
a',  ghrian  a'  dol  fodha  ann  an  maise  ghlor- 
mhor,  sruth  na  h-aibhne  a'  ruith  gu  socrach 
reidh  gu  bhi  a'  coimhlionadh  turns  na 
caomhala'chd  air  an  do  bhuannaich  i  gineal- 
aich  gun  aireamh  anns  na  laithean  a  dh' 
fhalbh,  agus  anns  am  buannaich  i  ginealaich 
gun  aireamh  anns  na  laithean  a  tha  ri 
teachd,  agus  b'  fheudar  dhuinn  an  carbad- 
iaruinn  fhaotainn  a  bha  gu  bhi  'g  ar  giulan 
gu  bhi  comhlachadh  a'  bhata  a  bha  feitheamh 
oirnn  aig  ceanri  eile  na  claise,  agus  le  faireach- 
dainn  dhurachach  gu  'm  biodh  an  duthaich 
a'  soirbheachadh,  thug  sinn  "  cead  deirean- 
nach  "  do  thir  na  barra-chaoil. 

Ann  an  tri  laithean  eile  bha  sinn  ann  an 
"  Naples  "  far  an  d'  fhag  sinn  am  bata  air 
ar  rathad  gus  an  Roimh. 

Sgiobair  Gaidhealach 

Ann  an  so  feudaidh  mi  innseadh  ni  a 
thachair  dhomh  air  bord  agus  a  chuir 
ionghnadh  gle  mhor  orm  aig  an  am.  Aon 
la  thainig  fios  thugam  bho  'n  sgiobair 
ag  iarraidh  orm  a  bhi  dol  gus  a  sheomar  a 
bhi  cumail  comhraidh  ris. 

Rinn  mi  mar  a  dh'  iarradh  orm.  Chaidh 
mi  thun  a  sheomair,  agus  mar  a  bha  sinn  a' 
bruidhinn  ri  cheile  dh'  fheoraich  e  cia  as  a 
thainig  mi.  Thubhairt  mi  ris  gu  'n  robh  mi 
corr  is  da  fhichead  bliadhna  ann  am  mhinis- 
teir   ann   an   Cille    Mhoire.     Le   clisg    'n   a 


ghuth,  "  a  dhuine  "  deir  esan,  "  b'  e  sin  an 
sgu-e  anns  an  d'  rugadh  mo  sheanair." 

B'  e  Camshronach  a  bh'  ann,  agus  thainig 
e  mach  gu  'n  d'  fhag  a  sheanair  an  sean 
dachaidh  ann  am  braigh  na  sgire  agus  gu 
'n  deachaidh  e  rathad  Naruinn  agus  'n  a 
dheidh  sin  gu  Lunnainn  far  an  do  shoirbhich 
leis,  agus  b'  esan  aon  d'  a  shliochd.  Cha 
robh  e  riamh  ann  an  Cille-mhoire,  ach  bha 
full  nan  Gaidheal  'n  a  chuislean.  Ged  nach 
bruidhneadh  e  Gaidhlig  Biobull  Gaidh- 
lig  aige  'n  a  sheomar  am  measg  a  leabh- 
raichean.  Agus  chuir  e  fa  mo  chomhair' 
rtxn  a  bha  'n  a  inntinn  gu  'm  biodh  buidh- 
eann  de  'n  Chomunn  Chamshronach  anns 
gach  cearna  de  'n  t-saoghal  anns  an  robh 
daoine  de  'n  ainm,  agus  bha  lamh  mhath 
aige  ann  a  bhi  cur  air  bonn  am  Mod  a 
chrutnnich  de  na  Camshronaich  as  gach 
cearna  de  'n  t-saogbal  aig  Loch  Arcaig  aig 
tigh  Loch-iall  o  chionn  beagan  bhliadh- 
nachan  a  chur  failte  air  Loch-iall  mar 
cheann-feadhna  a'  Chinnidh. 

Bu  mhath  learn  a  bhi  a'  cur  sios  an  so 
facal-molaidh  mu  'n  chuideachd  ris  an 
goirfear  Tomas  Cook  agus  a  mhac,  a  bha 
'n  an  luchd-frithealaidh  do  luchd-turuis  air 
feadh  an  t-saoghail  mu  'n  d'  thainig  an 
cogadh.  Bha  teachdairean  aca  anns  a  h- 
uile  diithaich,  agus  na  'm  biodh  call  agad 
gu  bhi  a'  gabhail  sgriob  gu  aite  tiorail  air 
thalarnh  cha  robh  agad  ach  a  bhi  cur  fios 
gus  a'  chuideachd  so,  agus  gheibheadh  tu 
gach  fios  a  bha  feumail  mu  'n  diithaich  gus 
an  robh  thu  ag  iarraidh  a  dhol,  agus  eolas 
cosduis  gach  ceum  o  do  dhachaidh  gus  an. 
cuireadh  tu  do  chas  air  do  stairsneach  a 
rithist.  Cha  robh  aobhar  agad  a  bhi  fo 
churam  ged  nach  b-aithne  dhuit  facal  de 
chanain  na  duthcha  gus  an  robh  thu  a'  dol. 
Bha  teachdairean  acasan  a  bha  eolach  air 
canain  na  duthcha,  agus  an  ni  a  ghabh  iad 
OS  laimh  a  dheanamh  bha  iad  a'  deanamh 
gu    neo-mhearachdach. 

An  uair  a  rainig  sinn  Naples  thainig  teach- 
daire  de  'n  chuideachd  so  air  bord  gu  bhi 
faicinn  an  robh  duine  sam  bith  am  feum 
cuideachadh   uaith. 

Thubhairt  mi  ris  gu  'n  robh  mi  ag  iarraidh 
a  bhi  faicinn  na  Roimhe  agus  bailtean  eile 
's  an  Eadailt.  Thubhairt  e  rium  nam 
bithinn  a'  toirt  dha  ainmean  nam  bailtean 
anns  an  robh  mi  ag  iarraidh  a  bhi  fuireach 
agus  gu  de  cho  fada  's  a  bha  mi  a'  rimachadh 
a  bhi  fuireach  anns  gach  baile  gu  'n  toireadh 
e  dhomh  paipear,  a'  lorgachadh  gach  ceum 
agus  gach  cosduis  agus  na  'm  bithinn  a' 
paigheadh  dhasan  an  diol  cha  bhiodh  dragh 
tuilleadh  agamsa  gus  an  ruiginn  Lunnainn. 
(Ri  leantuiim). 


Aireamh  i 


1946 


A'  Bhliadhn'-tir 


DO  ar  luchd-leughaidh  uile  tha  sinn  a' 
guidhe  "  Bliadhna  mhaith  ur."  Bithidh 
a'  h-uile  la  de  'n  bhliadhna '  maith  ma  tha 
Dia  'n  ar  smuaintean,  ach  cha  bhi  la  idir 
maith  mur  cuimhnich  sinn  ar  Cruithear. 
Sin  an  seachran  as  miosa  air  an  teid  duine 
anns  an  t-saoghal  so,  dicliuimhne  a  dheanamh 
air  Dia. 

An  uair  a  smuainicheas  sinn  air  an  t-slighe 
a  tha  romhainn  tha  fhios  agaiiui  gle  mhaith 
gu  'm  faod  iomadh  rud  tachairt  ann  an  1946 
a  theid  os  cionn  ar  neirt  fhein,  ach  is  sona 
na  daoine  aig  a  bheil  earbsa  ann  am  Facal 
Dhe,  agus  a  bhios  daionnan  a'  taiceachadh 
ri  geallaidhean  a'  Bhiobuill. 

Aig  toiseach  na  bUadhna  so,  ma  ta,  gairm- 
eamaid  air  gach  ni  an  taobh  a  stigh  dhinn, 
air  ar  n-inntinn  agus  ar  reuson  agus  ar  toil, 
air  ar  creideamh  agus  ar  fiosrachadh  o 
bhliadhnachan  eile,  greim  laidir  a  dheanamh 
air  a  ghealladh  so,  Mar  do  laithean,  is  arnh- 
luidh  bhios  do  mart  (Deut.  xxxiii.  25). 

Chan  'eil  rud  eile  as  cumanta  am  measg 
dhaoine  na  cion  neirt.  Na  'n  ceasnaicheadh 
tu  do  chomh-aoisean  no  do  choimhearsnaich 
chan  'eil  ach  aireamh  bheag  dhiubh  a  dh' 
aidicheadh  gu  bheil  iad  sl^n  fallan,  gun 
ghaoid  gun  ghearan.  Tha  aireamh  bheag 
eile  ann  an  droch  shlainte  o  'm  breith  gu 
'm  bas.  Agus  eadar  an  da  sheorsa  sin  tha 
Mreamh  eile,  Aireamh  as  mo,  daoine  nach 
'eil  tinn  no  slan,  daoine  anns  nach  'eil  gaoid 
ach  a' tha  gun  neart,  gun  chail  d'  an  obair 
a  chionn  gu  bheil  i  'n  a  h-uallach  dhaibh. 
Chan  'eil  dad  cearr  orra  ach  a  mhain  dith 
neirt  agus  dith  speirid  'n  an  inntinn  agus 
'n  am  bodhaig. 

Sin  na  daoine  d'  am  bu  choir  taiceachadh 
ris  a'  ghealladh  so,  agus  taiceachadh  ri  Dia 
tre  a  ghealladh.  Tha  cuid  de  gheallaidhean 
an  Tighearna  nach  tuig  sinn  an  cumhachd 
agus  am  milseachd  gus  am  bi  sinn  anns  an 
t-suidheachadh  a  tha  iad  a'  coimieachadh, 
agus  d'  a  bheil  iad  freagarrach.  Chan  ann 
do  dhaoine  laidir,  no  do  dhaoine  misneachail, 
no  do  dhaoine  gun  uallach  gun  eagal,  a  tha 
an  gealladh  so.  Mar  do  laithean,  is  amhluidh 
bhios  do  neart,  ach  do  dhaoine  gun  treoir 
a  tha  lag  'n  an  cridhe  le  eagal  is  curam. 


Bho  chionn  beagan  bhliadhnachan  ghairm 
Dia  duine  sonruichte  a  dhol  air  cheann  obair 
throm  agus  dhuilich  anns  an  eaglais.  Bu 
toigh  leis  an  obair,  agus  bu  mhaith  leis  a 
gabhail  os  laimli,  ach  bha  eagal  air  nach 
robh  talantan  gu  leou'  aige  agus  nach  seasadh 
a  bhodhaig  rithe.  Cha  robh  a  shlainte  ro 
mhaith  aig  an  am ;  bha  anmhuinneachd 
air  chor-eigin  'n  a  fheoil  nach  robh  na 
dotairean  a'  tuigsinn.  Ach  bha  a  chridhe 
anns  an  obair  agus  ghabh  e  os  laimh  i,  an 
dochas  gu'n  tugadh  Dia  neart  dha. 

M'  an  d'thainig  an  t-am  dha  dol  air  cheann 
na  h-oibre  chuir  e  uair  no  dha  dearbhadh 
air  a  neart  fhein,  ach  cha  b'  fheairrd  a  mhis- 
neach  sin,  oir  chunnaic  e  nach  robh  ann  ach 
duine  briste.  Chuir  so  dragh  mor  air,  ach 
la  a  bha  e  leis  fhein  agus  e  ag  iirnuigh, 
chual  e  mar  gu'm  biodh  Guth  a'  bruidhiim 
ris,  "  A  bheil  thu  deas  air  son  na  h-oibre 
a  dh'  ionnsuidh  an  do  ghairm  mi  thu  ?  " 
"  Chan  'eil,  a  Thighearna,"  fhreagair  e ; 
"  chan  'eil  annam-sa  a  nis  ach  duine  uUamh." 
Thubhairt  an  Guth  ris,  "Ma  bheir  thu  an 
t-eagal  sin  dhomh-s^,  agus  ma  stadas  tu  de 
bhi  smuaineachadh  air,  gabhaidh  mise  curam 
dhiot."  Fhreagair  an  duine  ann  am  mionaid, 
"  Biodh  sin  'na  chumhnant  eadaruinn,  a 
Thighearna,  bho'n  uair  so." 

Dh'  eirich  an  duine  'n  a  sheasamh  agus  a 
chridhe  Ian  de  shith  Dhe.  Bha  fhios  aige  / 
gu'n  d'thug  Dia  dha  an  rud  a  bha  dh'  eas- 
bhuidh  air,  agus  gu  robh  gach  alt  agus,  ' 
cnaimh  agus  gach  ball  'n  a  chorp  air  an 
urachadh  le  beatha  agus  lanachd  beatha.  An 
uair  a  choisicheadh  e  air  an  rathad  bha  e 
cho  aotrum  's  gur  gann  a  bha  e  a'  faireach- 
duinn  gu  robh  a  chasan  a'  beantuinn  ris  an 
rathad.  Bha  e  mar  bha  Pol,  gun  fhios  aige 
gu  ro  mhaith  co  dhiubh  bha  e  amis  a'  cho- 
luinn  idir.  Agus  ged  b'  abhaist  dha  a  bhi 
sgith  le  uair  no  dha  de  obair  rachadh  aige  a 
nis  air  leantuinn  air  obair  fad  an  la  agus 
as  deidh  a'  mheadhon-oidhche  gun  f^s  sgith 
no  fann.  Bha  e  air  a  lionadh  le  beatha  agus 
sith  agus  fois. 

Theagamh  gu  bheil  cuid  de  dhaoine  nach 
creid  son  fhacal  dheth  so,  agus  gu'm  feuch 
a'  ehuid  a  chreideas  e  ri  solus  a,  chur  air 


ANNS  AN  EADAILT 


air  dhoigh  nadurra  as  aithne  do  Choue  agus 
do  -na  dotairean,  ach  coma  leamsa  Coue 
agus  iia  dotairean  :  tha  mi  a'  creidsinn  ami 
an  Dia  agus  ann  an  cumhachd  Dhe  :  tha 
mi  a'  creidsinn  gu  bheil  tobraichean  slainte 
ann  an  Dia  as  am  faod  daoine  aixfliann  beatha 
a  tharruing  chan  e  mhain  d'  an  anam  ach 
d'  an  inntinn  agus  d'  an  corp  mar  an  ceudna. 
"  Dearbhaibh  mi  nis  leis  an  ni  so,  tha 
Tighearna  nan  sluagh  ag  radh,  mur  fosgail 
mi  dhuibh  uinneagan  nan  neamh,  a  dhortadh 
a  mach  beannachd  oirbh,  gus  nach  bi  aite 
ann  g'a  chumail." 
.     An  uair  a  bha  losua  a'  fagail  beannachd  aig 


an  t-sluagh  agus  e  gu  goirid  a'  dol  air  slighe 
na  talmhainn  uile,  thubhairt  e  riu,  "  tha 
fhios  agaibh  fein  'n  'ur  n-uile  chridhe,  agus 
'n  ur  n-uile  anam,  nach  d'  fhailnich  aon  ni 
de  na  nithibh  maithe  sin  uile  a  labhair  an 
Tighearna  bhur  Dia  d'  'ur  taobh  :  thainig  iad 
gu  leir  gu  crich  dhuibhse  ;  cha  d'  fhailnich 
aon  ni  a  gheall  an  Tighearna  bhur  Dia." 

Chan  fhailnich  gealladh  an  Tighearna  gu 
brath  :  ma  dh'  fhanas  sinne  ann  an  co- 
chomunn  a  spioraid  agus  ann  an  umhlachd  a 
thoile  bheir  gach  la  de  'n  bhliadhna  fianuis 
dhuinn  gur  fior  am  facal.  Mar  do  laithean 
is  amhluidh  bhios  do  mart. 


Anns  an  Eadailt 

Leis  an  Ollamh  Edghan  G.  MacFhraing. 
(Air  a  leantuinn) 


THA  Naples  comharraichte  air  son  da 
ni — boidhchead  a'  chamuis  air  am  bheil 
am  baile  air  a  thogail  agus  air  son  gu  'm 
bheil  a'  Bheinn  -  losgaidh  Vesuvius  dliith 
air. 

Chaidh  sinn  suas  gu  mullach  na  beinne 
air  slighe  iaruinn  a  tha  air  a  chur  ri  cheile 
air  doigh  shonruichte  air  son  a  bhi  streap 
aitean  cas.  Tha  smiiid  an  comhnaidh  ag 
eirigh  o  mhuUach  na  beinne,  agus  is  ainmig 
an  la  air  nach  'eil  lasan-teine  a'  tighinn 
aisde.  Ach  's  ann  's  a'  bhliadhna  79  A.D.  a 
thachair  uamhas  nan  uamhas.  Thainig  a 
leithid  de  bhragh  stuth-loisgte  as  a'  choire 
agus  gu  'n  robh  da  bhaile-mor  a  bha  ri  taic 
na  beinne  air  an  sgrios  gu  h-iomlan.  B'  iad 
na  bailtean  sin  Herculaneum  agus  Pompei, 
agus  thainig  an  t-uamhas  orra  cho  obann 
agus  nach  robh  doigfi  teichidh  aig  a'  chuid 
bu  mho  de  'n  luchd-aiteachaidh.  Bhriichd 
clachan,  clabar,  agus  luaithre,  as  a'  choire 
ann  an  tomhas  do-labhairt  ;  bha  a'  ghrian 
air  a  dorchadh  ;  cha  robh  leus  soluis  anns 
an  iarmailt,  agus  dhoirt  an  t-uamhas  a'nuas 
air  na  sraidean  agus  air  na  tighean  gus  nach 
aithnicheadh  tu  gu  'n  robh  iad  idir  ann. 

Bha  na  bailtean  air  am  fagail  mar  sin  fad 
deieh  ceud  bliadhna,  ach  mu  'n  am  sin  bha 
luchd-foghluim  a'  rannsachadh  nan  doighean 
anns  an  robh  daoine  a'  tighinn  beo  anns  na 
sean  linntean,  agus  thainig  e  ann  an  inntinn 
cuid  diubh  gu  'm  biodh  e  chum  feum  anns 
an  obair  so  na  'm  bitheadh  eolas  air  f  haotainn 
air  na  daoine  a  bha  bao  anns  na  bailtean 
foluichte  so,  agus  thoisich  iad  air  ruamhar 
nan  aitean  anns  an  robh  iad.  Fhuair  iad 
a  mach  da  ni.  Anns  a'  cheud  aite  cha  robh 
moran  feum  ann  a  bhi  rixsgadh  baile  sam 
bith  air  an  do  thuit  an  clatbar  o  'n  bheinn- 


losgaidh,  oir  bha  e  nis  cho  cruaidh  agus  nach 
b'  fhiach  a  bhi  ,ag  obair  air,  ach  bhiodh  e 
chum  feum  mor  a  bhi  rusgadh  nam  bailtean 
a  bha  air  am  miichadh  leis  an  luaithre,  oir 
bha  an  luaithre  na  bu  bhuige  agus  bha  e 
na  b'  fhusa  a  bhi  toirt  as  ni  sam  bith  a  bha 
ann,  gun  eagal  cho  mor  gu  'm  bitheadh  tu  'g 
a  bhriseadh  anns  an  oidhirp.  Agus  mar  so 
chaidh  an  obair  air  aghaidh  a  bhi  riisgadh 
nan  sraidean  agus  nan  tighean  ann  an 
Pompei  gus  a  bheil  a'  chuid  as  mo  de  'n 
bhaile  so  air  a  ghlanadh  bho  na  chomhdach 
a  thainig  air  ann  an  am  a'  bhriichd-losgaidh, 
agus  tha  na  sraidean  air  am  faicinn  mar  a 
bha  iad  anns  an  linn  anns  an  robh  iad  air 
an   aiteachadh. 

Ann  am  Pompei 

Bha  iomadh  ni  cianail  air  a  thoirt  gu 
follais.  Bha  cuirp  cuid  de  dhaoine  air  am 
faotainn  a  reir  coltais  aig  an  obair,  cuid 
eile  a'  feuchainn  a  bhi  teicheadh  bho  'n 
uamhas,  agus  ni  gle  iongantach,  cuid  de  na 
cuirp  anns  a'  chumadh  a  bha  orra  an  uair 
a  thainig  am  bas  orra. 

Tha  ballachan  nan  tighean  'n  an  seasamh 
ged  tha  na  mullaichean  air  falbh.  Chithear 
cumadh  gach  aitreabh,  agus  air  ballachan 
ann  an  cuid  de  na  seomairean  chithear 
deilbh  a  chaidh  a  tharruing  a  reir  gne  na  h- 
aimsir  anns  an  robh  iad  air  an  cur  ri  cheile. 

Am  measg  nan  nithean  a  chaidh  a  thoirt 
gu  solus  tha  moran  innleachdan  agus 
goireasan  a  bha  aig  a'  ghinealach  sin  'n 
an  dachaidhean  agus  'n  an  obair. 

Tha  na  sraidean  cumhann  agus  tha 
comharra  caithimh  nan  cuibhlean-iaruinn 
a  bha  air  na  carbadan  air  am  faotainn  air 
a'    chabhsair   ann   am   meadhon  na   sraide, 


ANNS  AN  EADAILT 


agus  gnothuch  ris  nach  robh  dull  agam 
bha  cas-cheum  air  son  choisichean  ri  taobh 
nan   sraidean. 

Chuir  sinn  seachad  latha  no  dha  an  so, 
agus  chunnaic  sinn  iomad  ni  taitneacli. 
Tha  na  daoine  anns  a'  chearna  so  de  'n 
Eadailt  'n  an  luchd-ceaird  math  ann  an 
obair  ghrinn,  ann  an  airgiod,  agus  ann  an 
or,  ann  an  seudan  agus  neamhnuidhean 
agus  clachan  priseil,  'g  an  deanamh  suas  'n 
an'  cluigein,  'n  an  croilein,  'n  am  bagaid, 
'n  am  paidirean,  agus  'n  am  fainneachan, 
agus  bha  e  air  innseadh  dhuinn  gu'n  robh 
moran  marsantachd  ann  an  usgaraehd  ghrinn 
a'  dol  air  aghaidh  eadar  marsantan  mor  ann 
an  Lunnainn  agus  muinntir  na  diithcha  ao. 

An  Roimh 

Bha  sinn  air  ar  giiilan  ann  an  da  uair  gu 
leth  ann  an  carbad-iaruinn  o  Naples  gus 
an  Roimh,  agus  bha  sinn  a  nis  ann  am  baile 
air  an  robh  neul  na  h-aoise  ge  b'  e  car  a 
ghabhamaid.  Bha  e  'n  a  thoil-inntinn  a 
bhi  ag  aniharc  air  na  h-aitean  mu  'n  robh 
sinn  a'  leughadh  bho  laithean  ar  n-6ige  agus 
a  bha  sinn  a  nis  a'  faicinn  air  son  na  ceud 
uaire. 

Bha  iomadh  ni  ri  fhaicinn,  carraighean  a 
bha  dol  air  ais  gu  linn  nan  abstol,  an  rathad 
air  an  do  choisich  Pol  gu  baile  dhitidh,  na 
uamhanan-adhlaic  (Catacombs)  anns  an  robh 
luchd-leanmhuinn  Chriosd  a'  cumail  coin- 
neamhan  agus  a'  tiodhlacadh  nam  marbh 
anns  a'  gheur-leanmhuinn  ann  an  ceud 
linntean  a'  chreidimh  ;  an  abhainn  ghru- 
amach  (Tiber)  a  bha  ruith  troimJi  'n  bhaile, 
laraichean  agus  Eaglaisean  agus  aitribh, 
gach  aon  le  eachdraidh  fhein.  Agus  a 
bharrachd  air  na  sean  nithea^n  bha  nithean 
ixr  ri  am  faicinn,  rathadan  ur  air  am  fosgladh, 
tighean  ur  air  an  togail,  agus  oidhirpean  a 
bhi  toirt  maise  do  na  sraidean.  Agus  mar 
eisempleir  air  an  ni  mu  dheireadh  innsidh 
mi  so.  Fa  chomhair  an  tigh-osda  anns  an 
robh  mi  a'  fuireach  bha  tuill  air  an  cladhach 
air  taobh  na  sraide,  agus  bha  iad  air  an 
lionadh  le  talamh  anns  an  robh  fltiraichean 
a'  fas,  agus  bha  a  leithid  de  chiiram  air  a 
ghabhail  dhiubli  is  gu'n  robh  fear  -  frith- 
ealaidh  a'  tighinn  a  h-uile  feasgar  agus  a' 
tarruing  brat  thairis  orra  air  eagal  gu'm 
bitheadh  reothadh  's  an  oidhche  'g  am 
milleadh,  agus  anns  a'  mhaduinn  ziuair  a  bha 
am  blaths  a'  tighinn  bha  e  air  ais  gu  bhi  a' 
tarruing  nam  brat  a  thaoibh.  Chan  'eil 
moran  bhailtean  anns  am  bheil  obair  mar 
so  air  a  dheanamh. 

Am  Papa 

Chuala  h-uile  duine  ainm  an  aite  's  an 
Roimh  ris  an  goirear  an  Vatican,  agus  cha 


b'  urrainn  do  dhuine  a  bhi  's  a'  bhaile  gun 
dol  'g  a  fhaicinn.  Tha  da  sheagh  aig  an 
ainm.  Tha  aon  seagh  anns  am  bheil  e  a' 
ciallachadh  aite-comhnuidh  a'  Phapa,  agus 
seagh  eile  anns  am  bheil  e  a'  ciallachadh 
oighreachd   a'    Phapa. 

Tha  e  air  a  radh  gu'm  bheil  corr  is  deich 
mile  seomar  anns  an  Vatican,  ach  tha  a' 
chuid  as  mo  dhiubh  sin  air  an  toirt  suas 
gu  bhi  a'  tasgadh  sean  phaipearan  agus 
deilbh-tharruing  a  bha  'n  an  dileab  bho  na 
linntean  a  dh'  fhalbh.  Tha  na  h-aitean  so 
fosgailte  do  luchd-turuis,  agus  gabhaidh 
e  iomad  la  a  bhi  a'  dol  o  sheomar  gu  seomar 
gu  bhi  faicinn  nan  dealbh.  Ach  is  fhiach 
a  bhi  'g  am  faicinn  oir  tha  moran  diubh  'n 
an  deilbh  a  chaidh  a  tharruing  le  luchd- 
tarruing  as  fhearr  a  bha  riamh  's  an  t-saoghal. 
Tha  carraighean  eireachdail  ri  bhi  air  am 
faicinn  ann  an  eaglais  an  Naoimh  Peadar, 
agus  tha  'n  eaglais  bheag  an  Sistine  Chapel, 
ainmeil  air  son  obair  oirdheirc  a'  phriomh 
dhealbhadair  Michael    Angela. 

Agus  a  nis  mu  'n  oighreachd  le  ainm 
"  Vatican."  'S  ann  mar  so  a  thachair. 
Cha  robh  oighreachd  aimseireil  aig  a'  Phapa 
air  son  iomad  bUadhna,  agus  bha  e  daonnan 
a'  gearan  mar  bha  e  mar. so,  agus  rinneadh 
cordadh  eadar  e  fein  agus  luchd-riaghlaidh 
na  rioghachd  gu'm  biodh  earrann  bheag 
de  'n  bhaile,  a  bharrachd  air  na  bha  aige  mar 
bha,  air  a  lorgachadh  a  mach  mar  oigh- 
reachd dha,  air  am  bitheadh  esan  'n  a 
uachdaran  gun  ghuth  a  bhi  aig  duine  eile 
ann  a  bhi  'g  a  riaghladh  ach  e  fein  agus  a 
chuideachd. 

Is  ann  mar  sin  a  chaidh  an  oighreachd 
ris  an  canar  an  "  Vatican  "  a  chur  air  bonn, 
agus  tha  am  Papa  a  nis  ag  iarraidh  gu  'm 
bi  esan  air  a  chunntas  'n  a  uachdaran  am 
measg  uachdarain  an  t-saoghail,  agus  gu  'm 
bi  coir  aige  a  bhi  cur  teachdairean  gu  luchd- 
riaghlaidh  dhiithchannan  eile  a  chum  agus 
gu  'm  bi  a  bheachdan-san  air  eisdeachd  riu 
ann  an  diithchannan  eile. 

Baile  nan  dealbh 

Florence  —  Ghabh  e  ceithir  uairean  ann 
an  carbad  iaruinn  dol  ann. 

Tha  am  baile  so  ainmeil  ann  an  eachdraidh 
na  duthcha.  Bha  stri  laidir  am  measg 
theaghlaichean  anns  na  linntean  meadh- 
onach,  agus  bha  aon  teaghlach  de  'n  ainm 
'  Medici  a  rinn  moraii  feum  dhaibh  fhein 
agus  do  'n  luchd-dtithcha,  agus  tha  cuimh- 
neachan  orra  anns  an  togail  as  grinne  's 
a'  bhaile. 

Tha  talla  mor  a  tha  ainmeil  air  son  maise 
nan  dealbh.  a  tha  air  an  crochadh  air  na 


ANNS  A'  CHATHAIR 


ballachan,  agus  b'  abhaist  do  mhoran  de 
'n  mhuinntir  as  gach  cearna  de  'n  t-saoghal 
a  bha  deanamh  am  beo-shlaint  ann  a  bhi 
tarruing  dhealbh  a  bhi  tighinn  gu  bhi 
faotainn  eolas  agus  fiosrachadh  bho  eisim- 
pleir  a  tha  so,  oir  ged  a  tha  tri  cheud  bliadhna 
bho  'n  a  chaidh  na  dathan  air  na  deilbh  tha 
iad  cho  soilleir  comharraichte  an  diugh 
's  a  bha  iad  air  an  la  anns  an  do  chuir  an 
dealbhadair  a  sguab  mhin  air  a'  chainbe. 

Shaoil  mi  gu'n  robh  muinntir  a'  bhaile 
so  na  bu  clxoltaiche  'n  an  doighean  agus  'n 
am  marsantachd  ri  muinntir  nam  bailtean 
againn  fhein,  agus  theagamh  gur  e  is  aobhar 
dha  so  gu  'n  robh  aig  aon  am  cearna  de  'n 


bhaUe  anns  an  do  thog  daoine  beartach  a 
Sasunn  tighean  dhaibh  fhein  anns  an  do 
chuir  iad  seachad  cuid  de  'n  gheamhradh, 

Bho  Florence  chaidh  sinn  gus  an  Fhraing, 
agus  an  deidh  dhuinn  a  bhi  faicinn  Paris 
agus  Versailles  (aitreabh  mhaiseach  nan 
iompairean),  Malmaison  (aite-tasgaidh  fuigh- 
ill  cuimhneachain  Napoleon),  Fountainbleau 
(frith  nan  righrean),  thog  sinn  oirnn  gu  port 
Boulogne  far  an  d'  fhviair  sinn  aiseag  gu 
Lunnainn,  agus  cha  robh  e  fada  gus  an  robh 
mi  aig  mo  dhachaidh,  a'  toirt  buidheachas 
do  'n  Fhreasdal  Bheannaichte  a  ghabh 
ciiram  dhinn  agus  a  rinn  ar  dion  bho  gach 
cunnart  air  muir  's  air  tir. 


Anns  a'  Chathair 


AN  toiseach  na  h-oidhche  bha  mi  a'  leughadh 
mu'n  Diplodocus  agus  na  creutairean 
uamhasach  eile  a  bha  ann  roimh  hnn  Noah, 
agus  thainig  an  smuain  'n  am  inntinn  gu 
'm  biodh  e  furasda  leth-shearmoin  a  dhean- 
amh  uime  o  'n  cheann-theagaisg  so,  Chan 
ann  do  na  daoine  luatha  a  tha  an  reis,  no 
do  na  daoine  treuna  an  cath. 

W  abhaist  do  Luther  a  bhi  ag  radh  gu  'm 
b'  e  an  gealbhonn  fear-teagaisg  a  b'f  hearr 
a  bha  aige  riamh  ;  gu'n  do  theagaisg  e  dha 
barrachd  mu  ghradh  Dhe  na  rinn  na  diadh- 
airean  uile.  Bhiodh  Solamh  a'  tarruing 
shamhlaidhean  'n  a  shearmoin  bho  chraobhan 
agus  bho  ainmhidhean,  a'  labhairt  mu  chreu- 
tairean  snaigeach  agus  mu  chreutairean  air 
iteig.  Nach  faod  mise  agus  thusa,  mata, 
ghocas  fhoghlum  o'n  Diplodocus  ? 

Bha  an  Lebhiatan  uamhasach  so  corr  agus 
ceithir  fichead  troigh  am  fad,  agus  bha  e  cho 
mor  tiugh  'na  choluinn  's  gur  gann  a  ghiiil- 
aineadh  a  chasan  a  cholunn,  ged  bha  ceithir 
casan  goirid  air  agus  gach  te  dhiubh  cho 
garbh  ri  baraile. 

B'ann  le  'earball  a  bhiodh  e  'g  a  dhion 
fhein,  agus  an  uair  a  dh'  innseas  mi 
dhuit  gu  robh  da  fhichead  troigh  anns  an 
earball  aige,  agus  tunnachan  de  chudthrom, 
agus  gu'n  cuireadh  e  mu'n  cuairt  e  a  cheart 
cho  luath  's  a  chuireadh  Domhnull  Dinnie 
an  t-6rd  mu'n  cuairt  a  chum  an  uair  a 
bhiodh  e  a'  dol  'g  a  thilgeil,  tuigidh  tu  ciod 
an  sgailc  a  bheireadh  an  Diplodocus  do 
chreutair  air  bith  eile  a  chuireadh  dragh 
air. 

Ach  a  dh'  aindeoin  a  neirt  dh'  fhairthch 
air,  cleas  a'  Cheasair  agus  Hitler,  aite 
fhein  a  ghleidheadh  anns  a'  ghrein  ;  chaidh 
an  creutair  mor  uamhasach  so  as  an  t- 
sealladh  gu  buileach,  agus  tha  mac  an 
duine  an  diugh  a'  sealbhachadh  na  h-oigh- 


reachd  a  bha  aige.  Ciod  an  t-aobhar  air  sin  ? 
Tha,  nach  robh  anns  an  Diplodocus  ach  rud 
beag  faoin  de  eanchainn,  agus  ami  an  stri  an 
t-saoghail  so  agus  ann  an  reis  na  beatha. 
gheibh  eanchainn  is  ealain  is  seoltachd  a' 
bhuaidh  daonnan  air  neart  cuirp.  Is  f hearr 
do  chreutair  unnsa  a  bharrachd  a  bhi  'n  a 
eanchainn  na  troigh  a  bharrachd  a  bhi  'n  a 
earball.  Chan  ami  do  na  daoine  luatha  a 
tha  an  reis,  no  do  na  daoine  treuna  an  cath  ; 
ann  an  eolas  a  mhain  tha  cumhachd. 

Cumhachd  na  h-inntiun 

Ann  an  6g-mhaduinn  an  t-saoghail  cha 
robh  ann  am  mac  an  duine  ach  creutair  lag 
an  coimeas  ris  na  creutairean  eile  a  bha 
anns  na  coilltean  agus  air  na  machraichean. 
Agus  b'  ion  dha  eagal  a  bhi  air,  oir  is  e  lagh  na 
coille  "  a'  bheist  as  motha  ag  itheadh  na 
beiste  as  lugha."  Ach  ged  nach  robh 
armachd  aige  'ga  dhion  fhein  ach  a  mhaui  a 
lamhan  laga,  armachd  nach  biodh  gu  moran 
feuma  dha  an  uair  a  thachradh  leomhann  no 
tiogar  air,  gidheadh  bha  eanchainn  aige  nach 
robh  aca-san,  agus  is  ann  le  cumhachd  a 
reusain  a  fhuair  e  ughdarras  thairis  air  na 
h-ainmhidhean.  Le  cumhachd  a  reusain 
dhealbh  e  innealan  leis  an  cuireadh  e  as 
do  chreutairean  a  bha  a'  bagairt  air. 

Sin  rud  nach  do  rinn  creutair  eile  riamh 
ach  e  fhein.  Na'm  b'  urrainn  do  chreutair- 
ean eile  dol  ann  an  co-bheinn,  agus  an  com- 
hairle  a  chur  ri  cheile,  agus  cogadh  a 
dheanamh  an  aghaidh  mhic  an  duine  le 
tuigse,  cha  b'  urrainn  dha  aite  fhein  a  ghleidh- 
eadh air  an  talamh  idir.  Na'n  robh  na 
speachan  cho  ghc  's  a  tha  iad  cho  guineach 
tha  uiread  dhiubh  againn  ann  am  B14r  's 
nach  biodh  aon  duine  anns  an  sgireachd  a 
lathair  an  diugh  na'n  do  ghlaodh  iod  cogadh 
an  aghaidh   chlann-daoine. 


AIG  AN  UINNEIG 


Is  e  mac  an  duine  an  aon  chrevitair  aig  a 
bheil  cuimhne,  co  dhiti  cuimhne .  as  fhiach 
cuimhne  a  radh  rithe,  cuimhne  a  ni  feum  da 
fhiosrachadh  a'  chinnidh  uile.  Ged  is  seolta 
na  creutairean  an  seangan  agus  an  seillein 
tha  na  tighean  agus  na  doighean  aca,  agus 
na  soithichean  anns  a  bheil  iad  a'  gleidheadh 
na  meala,  mar  a  bha  iad  muillean  bhadhna 
roimh  so.  Chan  'eil  iad  a'  tighinn  aon 
cheum  air  an  aghaidh.  Ach  chan  ann  mar 
sin  a  tha  mac  an  duine ;  tha  esan  a'  dealbh 
nithean  ura  gun  sgur,  agus  tha  gach  gineal 
a  dh'  fhalbhas  a'  fagail  eolais  agus  fiosrach- 
adh  itr  aig  a'  ghineil  a  thig  'n  a  deidh. 

CumhacM  na  bruidhne 

Cha  bhiodh  so  comasach  do  mhac  an  duine 
a  dheanamh  mur  b'e  gur  h-urrainn  dha 
bruidhinn.  Ciod  air  bith  an  doigh  anns  an 
d'  fhuair  e  tiodhlac  na  cainnte,  is  e  cainnt 
an  garadh-criche  eadar  mac  an  duine  agus 
na  h-ainmhidhean.  Do  bhrigh  gu  bheil 
caimit  aca  theid  aig  cloinn-daoine  air  dol  ann 
an  co-bheinn  mu  chiiisean  am  beatha,  agus 
theid  aca  mar  an  ceudna  air  an  eolas  agus 
am  fiosrachadh  a  chomh-phairteachadh  ri 
cach-a-cheile. 

Os  cionn  an  doruis  anns  an  t-seomar  anns 
a'  bheil  ealain  na  feallsanachd  air  a  teagasg 
ann  an  Oilthigh  Dhun  -  eideann  tha  na 
briathran  so  sgriobhta. 

Air  mi  tatamh  chan  'eil  mor  ach  an  duine  : 
Anns  an  duine  chan  'eil  mor  ach  an  inntinn. 

Is  ann  le  cumhachd  na  h-inntinn  a  chios- 
naich  mac  an  duine  creutairean  a  bha  f  ichead 
uair  na's  laidire  na  e  f hein,  agus  is  ann ,  le 
cumhachd  na  h-inntinn  a  rinn  e  seirbhisich 
is  luchd-frithealaidh  de'n  ghaoith,  agus  de'n 
dealanach,  agus  a  nis  de'n  atom.  A  thaobh 
meudachd  is  neart  cha  robh  ann  am  mac  an 
duine  ri  taobh  an  Diplodocuis  ach  mar  gu'm 


biodh  pMsde  ri  taobh  famhair,  ach  bha  solus 
na  h-inntinn  anns  a'  phaisde,  agus  mar  sin 
bhuadhaich  e  anns  a'  chath  agus  ann  an  reis 
na  beatha.  Ged  tha  miltean  de  chreutairean 
na  talmhainn  a'  basachadh  a'  h-uile  bliadhna 
leis  an  fhuachd,_  agus  sin  a'  dol  air  aghaidh 
bho  chionn  na  muilleinean  bhadhna,  cha  do 
rinn  creutair  eile  riamh  teine  ach  a  mhain 
mac  an  duine.  Tha  cait  agus  coin  agus 
iomadh  creutair  eile  eolach  gu  leoir  air  teine  ; 
is  toigh  leo  am  blaths  a  gheibh  iad  bhuaithe, 
ach  air  a  shon  sin  cha  d'  fhadaidh  gin  dhiubh 
teine  riamh,  agus  cha  mho  a  ghabh  iad 
curam  gus  an  teine  a  bha  cheana  air  f  hadadh 
a  chumail  bed. 

A  dh'  aindeoin  na  their  na  daoine  a  bhios 
ag  r4dh  nach  'eU  anns  an  duine  ach  siol-an 
ainmhidh,  tha  doimhne  neo-chriochnach 
eadar  mac  an  duine  agus  na  h-ainmhidhean. 
Ged  bheireadh  am  moncaidh  a  leth  shuil 
air  son  cnotha,  agus  an  asail  a  leth  chluas 
air  son  currain,  c6  am  moncaidh  no  an  asail, 
le  ro-churam  a  ghabhail,  a  chuir  craobh  no 
curran  los  an  acras  a  shasuchadh  ;  no  c6  an 
t-ainmhidh  a  dhealbh  inneal  no  acfhuinn  los 
feum  a  dheanamh  de  chumhachdan  naduir, 
no  los  e  fhem  a  dhion  bho  bheistean  a  bu 
mhotha  agus  a  bu  laidire  ?  Tha  fada  bar- 
rachd  astair  eadar  an  duine  agus  an  t- 
ainmhidh  na  tha  eadar  an  duine  agus  Dia. 
Mar  a  thubhairt  Pascal,  Chan  'eil  mac  an 
duine  ach  mar  a'  chuilc,  a'  chuilc  as  breoite 
anns  a  chruthachadh,  ach  is  cuilc  e  anns  a 
bheil  mothachadh.  Ni  rud  as  lugha  na  neart 
an  domhain  a  mharbhadh  ;  marbhaidh  aon 
bhoinne  uisge  e,  no  aon  anail  de'n  cheo  a 
dh'  eireas  as  an  talamh.  Ach  ged  a  thuiteadh 
na  beanntan  air  agus  ged  a  phronnadh  iad  e, 
bhiodh  barr  aige  air  na  beanntan,  oir  bhiodh 
jhios  aige  gu'n  robh  e  'g  a  phronnadh  ach 
cha  bhiodh  fhios  aca-san  air.  Tha  uaisle 
agus  inbhe  mhic  an  duine  'n  a  inntinn. 


Aig  an  Uinneig 


Facal  Neonach 

AN  deidh  dha  Betel  fhagail  chilm  lacob  air 
gus  an  do  rainig  e  tir  a  dhaome  anns  an 
aird  an  Ear.  Agus  an  sin  aig  an  tobar, 
agus  i  a'  toirt  dibhe  do  threud  a 
h-athar,  thachair  Rachel  nighean  brath- 
ar  -  a  -  mhathar  air,  agus  phdg  lacob  Rachel, 
agus  thog  e  suas  a  ghuth,  agus  ghuil  e.  Bha 
e  nadurra  gu  leoir  dha  a  bhancharaid 
a  phogadh,  ged  nach  fhaca  e  i  riamh  roimhe, 
ach  car  son  air  an  t-saoghal  a  chaidh  e  a 
chaoineadh  ?  Shaoileadh  tu  nach  robh  e 
modhail  dha  deoir  a  shileadh  an  deidh  na 
poige,  an  lathair  Rachel  co-dhiu. 


Their  cuid  gur  e  moit  a  thug  air  a 
dheanamh,  agus  gu  robh  a  dheotr  co- 
ionnan  ri  gaire  is  lachanaich,  ach  tha 
an  t-ard  sgoilear  I.  G.  Eraser  ag  radh 
nach  'eil  sin  ceart,  agus  nach  robh  anns 
a'  chaoineadh  ach  fasan  a  tha  aig  moran 
chinneach  an  uair  a  bhios  iad  a'  cur  failte  air 
a  cheile.  Am  measg  threubhan  eile  cha 
bhiodh  e  air  a  chunntas  siobhalta  do  dhuine 
gun  dol  a  chaoineadh  'na  leithid  sud  de 
shuidheachadh.  Tha  na  Maoris  ann  an  New 
Zealand  'g  a  chunntas  mar  cheud  lagh  nam 
modhannan  gu'n  rachadh  duine  a  chaoineadh 
an  uair  a  tha  e  a'  failteachadh  no  a'  fagail 


6 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DTUGH 


beannachd  aig  a  charaid,  ach  chau  'eil  an 
caoineadh  sin  a'  fasgadh  no  a'  goirteachadh 
an  cridhe  ann  an  doigh  air  bith.  Tha  e  ag 
innseadh  naidheachd  mu  nihnathan  a  bha 
air  coinneachadh  r'  a  cheile,  agus  a  bha  a' 
gul  mar  gu'm  biodh  am  bas  air  creach  a 
thoirt  orra,  ach  ann  an  teas-meadhoin  a' 
chaoinidh,  stad  dithis  dhiubh  agus  ghlaodh 
iad,  "  Chan  'eil  sinn  ullamh  d'  ar  caoineadh 
fhathast,    ach   theid   sinn   agus   ni   sinn   am 


biadh  deas,  agus  an  sin  criochnaichidh  sinn 
ar  gul."  Thuirt  e  riutha  nach  robh  annta  ach 
na  cealgairean,  agus  gu'n  robh  fhios  aige 
nach  robh  dad  aca  mu  choinneamh  na  feadh- 
nach  a  bha  iad  a'  caoineadh,  ach  cha  do  rinn 
iad  ach  gaire.  Tha  an  cleachdadh  so 
aig  na  h-Innseanaich  ;  chunntadh  iad  gu'n 
robh  tair  air  a  dheanamh  orra  mur  failti- 
cheadh  tu  iad  le  caoineadh. 


Creideamhan  Neonach  an  Latha  an.Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.  A.,  an  Govan. 
(Air  a  leantuinn) 


THA  sinn  a  nis  air  cunntas  a  thoirt  air 
ceithir  de  na  creideamhan  ura  neonach 
a  tha  an  diugh  a'  taladh  dhaoine  'n  an  deidh 
— Fianuisean  lehobhah,  na  h-Israelich 
Bhreatunnach,  na  Spioradalaich,  agus 
muinntir  na  h-Ealdhain  Chriosdail.  Tha 
moran  eile  ann,  ach  saoilidh  mi  gur  iad  sin 
as  trainge  agus  as  cunnartaiche  anns  an 
diithaich  so  an  ceartuair. 

Ach  tha  aon  bhuidheann  eile  ann  air  am 
bu  mhath  leam  iomradh  a  dheanamh,  agus 
is  iad  sin  na  "  Cooneyites."  Chan  'eil  iad 
lionmhor  no  laidir,  ach  tha  iad  beulach 
agus  cunnartach,  agus  is  coir  do  dhaoine  a 
bhi  air  am  faicill  d'an  taobh.  Beagan  is 
fichead  bhadhna  air  ais  bha  aireamh  de 
luchd-leanmhuinn  nan  "  Cooneyites  "  r'am 
faotainn  an  caochladh  aitean  's  a'  Ghaidh- 
ealtachd.  Bha  feadhainn  dhiubh  anns  an 
Eilean  Sgitheanach  agus  air  taobh  siar 
Siorrachd  Rois,  agus  mar  an  ceudna  (tha 
mi  a'  saoilsinn)  ann  an  Uidhist-a-Tuath. 
Bha  eolas  agam  f  hein  air  neach  no  dha  a  bha 
air  an  tarruing  air  falbh  leotha.  Co  dhiubh 
tha  gin  dhiubh  fhathast  an  aite  air  bith  de'n 
Ghaidhealtachd    chan    aithne    dhomh. 

Braithrean  Phlymouth 

Mus  innis  mi  mu  theagasg  agus  mu 
dhoighean  nan  "  Cooneyites,"  bu  mhath 
leam  iomradh  a  thoirt  air  da  sheorsa  eile — 
"  Braithrean  Phlymouth  "  (no  na  "  Plymouth 
Brethren  ")  agus  am  "  Faith  Mission  " 
(no  na  "  Pilgrims,"  mar  a  theirear  riu  gu 
trie).  Am  bitheantas  tha  daoine  car  aine- 
olach  mu'n  eadar-dhealachadh  eadar  na 
tri  buidhnean  sin.  Chan'eil  dad  sam  bith 
agam  an  aghaidh  "  Braithrean  Phlymouth," 
no  an  aghaidh  am  "  Faith  Misison,"  agus 
chan'eil  mi  idir  'g  an  aireamh  am  measg 
creideamhan  neonach  an  latha  an  diugh. 
'Sea  tha  dhith  orm  soilleireachd  a  chur  air 


an  eadar-dhealachadh  eadar  iad  sin  agus 
na  "  Cooneyites,"  oir  air  uairean  bithidh 
daoine  car  amharusach  mu'n  "  Faith  Mis- 
sion "  gu  sonruichte,  agus  a'  smuaineachadh 
gur  e  "  Cooneyites  "  a  tha  annta  ;  agus 
air  an  laimh  eile,  an  uair  a  thig  teachdairean 
nan  "  Cooneyites  "  gu  baile,  bithidh  daoine 
a'  saoilsinn  gur  e  "  Pilgrims  "  bho'n  "  Faith 
Mission"  a  tha  annta. 

Co  iad  ma  ta  na  "  Plymouth  Brethren  "  ? 
Thoisich  iad  so  anns  a'  bhhadhna  1827 
ann  an  Eirinn  fo  stiuireadh  ministeir  a 
mhuinntir  na  h-Eaglais  Easbuigich  an  sin, 
Iain  Nelson  Darby,  agus  do  bhrigh  sin 
theirteadh  riutha  an  toiseach  na  "  Darby- 
ites."  Ann  an  1830  ghleidh  iad  ann  am 
Plymouth  a'  cheud  choinneamh  a  bha'  aca 
ann  an  Sasunn,  agus  's  ann  mar  sin  a  fhuair 
iad  an  t-ainm  a  tha'  aca  nis.  'S  e  daoine 
diadhaidh  agus  crabhach  a  thoisich  air  na 
"  Plymouth  Brethren  "  air  tus,  agus  'n  am 
measg  bha  aireamh  mhinistearan.  B'ann 
an  taobh  a  stigh  na  h-Eaglais  a  thoisich 
a'  bhuidheann  tir  so,  ged  a  tha  iad  an  diugh 
an  taobh  a  mach  nan  eaglaisean  mora. 
Aig  toiseach  na  naoidhimh  linn  deug  bha 
eaglaisean  Bhreatuinn  gu  math  fuar  agus 
marbh  gu  spioradail.  Bha  an  diisgadh  mor 
a  thachair  fo  bhuaidh  Whitefield  agus 
Wesley  anns  an  linn  roimhe  air  tighinn  gu 
ceann.  Bha  muir-lan  an  Spioraid  air  tragh- 
adh.  B'ann  anns  an  t-suidheachadh  sin 
a  thainig  aireamh  dhaoine  an  sud  's  an 
so  an  ceann  a  cheile,  a'  sireadh  a  bhi  air  an 
sgaradh  bho'n  t-saoghal  agus  a  cheile  a 
neartachadh  ann  an  nithean  spioradail. 
B'e  so  ceucl  thoiseachadh  nam  "  Plymouth 
Brethren." 


Roinnean  'n  am  measg 

A  dh'aindeoin  an  ainme,  fhuair  na  Braith- 
rean e  a  cheart  cho  doirbh  's  a  fhuair  Crios- 


i 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


duidhean  eile  fior  bhraithreachas  Chriosdail 
a  ghleidheadh,  agus  cha  b'fhada  gus  an 
robh  roinnean  'n  am  measg.  Tha  iad  gu 
sonruichte  air  an  roinn  'n  an  da  bhuidheann 
mhor — na  Braithrean  Fosgailte  ("  Open 
Brethren ")  agus  na  Braithrean  Duinte 
("  Close  Brethren  ").  Mar  a  thuigear,  tha 
an  dara  fheadhainn  na's  cumhainge  'n  am 
beachdan  na  a'  cheud  fheadhainn.  Tha  na 
Braithrean  Fosgailte  a  rithisd  air  an  roinn 
'n  am  buidhnean  eile,  'n  am  measg  aireamh 
ris  an  abrar  "  Eaglais  Dhe,"  ach  tha  eadhon 
"  Eaglais  Dhe  "  air  a  roinn  'n  a  bideagan 
beaga. 

Tha  na  Braithrean  air  an  sgapadh  'n  an 
croileagain  air  feadh  na  duthcha.  Gheibhear 
moran  bhuidhnean  dhiubh  ann  an  siorram- 
achdan  Lannraig  agus  Air  agus  am  baile 
Ghlaschu.  Tha  iad  lionmhor  cuideachd  am 
measg  iasgairean  taobh  an  ear-thuath  na 
h-Alba. 

'N  an  creideamhan  chan'eil  moran  eadar- 
dhealachaidh  eadar  na  Braithrean  agus 
moran  agaimi  fhein  ann  an  Eaglais  na  h- 
Alba.  Tha  iad  ag  ardachadh  a'  Bhiobuill 
mar  Fhacal  Dhe,  ged  a  tha  doigh-mmeach- 
aidh  aca  air  nach  cord  ri  cuid  againne.  Tha 
iad  a'  cur  an  taic  ann  an  eifeachd  na  Reite 
tre  iobairt  Chalbhari.  'N  an  caithe-beatha 
tha  iad  am  bitheantas  ionraic  agus  curamach 
agus  a'  seachnadh  gach  faoineis.  Tha 
tighean-coinnimh  aca,  far  am  bi  iad  gach 
maduinn  Sabaid  a'  briseadh  arain  ('s  e  sin, 
a'  gleidheadh  Sacramaid  Suipear  an  Tigh- 
earna),  agus  air  an  fheasgar  bithidh  coin- 
neamh  shoisgeulach  aca,  am  bitheantas  a' 
toiseachadh  le  leth-uair  de  shearmonachadh 
a  mach  air  an  t-sraid.  Chan'eil  iad  a' 
baisteadh  naoidheanan,  ach  tha  iad  a' 
baisteadh  nan  creidmheach  a  tha  air  tighinn 
gu  aois.  Tha  iad  a'  leigeil  moran  cudthroim 
air  "  teagasg  fallain,"  ach  ciod  e  teagasg 
fallain  ?  Tha  gach  seorsa  a'  saoilsinn  gu'm 
bheil  na  'teagasgan  aca  fhein  fallain.  Tha 
siiil  aca  gu'n  tig  an  Tighearna  losa  air  ais 
gu  pearsanta  a  dh'aithghearr. 

Na  Braithrean  agus  an  Eaglais 

'S  e  an  t-eadar-dhealachadh  as  motha 
eadar  na  Braithrean  agus  na  h-eaglaisean 
gu'm  bheil  na  Braithrean  an  aghaidli  dhaoine 
a  bhi  air  an  cur  air  leth  agus  air  an  oileanach- 
adh  agus  air  am  paigheadh  gu  bhi  'n  am 
ministearan.  Anns  na  coinneamhan  aca 
faodaidh  neach  sam  bith  eirigh  agus  dol 
an  ceann  tirnuigh  no  searmon  a  liubhairt, 
a  reir  mar  a  threoraicheas  an  Spiorad.  Ach, 
mar  a  dh'fhaodar  a  thuigsinn,  mar  as  trice 
's  e  an  aon  fheadhainn  a  bhitheas  an  Spiorad 


a'  gluasad  mar  so,  agus  ged  a  tha  iad  an 
aghaidh  cinn-iiiil  spioradail  a  bhi  aca,  tha 
cinn-iuil  aca,  agus  cha  ghabh  sin  a  sheach- 
nadh.  'S  i  a'  cheist,  am  bheil  e  ceart  na 
cinn-iuil  a  chur  air  leth  agus  am  paigheadh 
a  chum  's  gu'n  teid  aca  air  an  uine 
agus  an  inntinn  uile  a  chur  gu  obair 
an  t-soisgeil  ?  Tha  na  Braithrean  ag  radh 
nach'eil.  Tha  sinne  anns  na  h-eaglaisean 
ag  radh  gu'm  bheil.  Tha  sinn  ag  radh  gu'm 
bheil  searmonachadh  an  t-soisgeil  'n  a  obair 
cho  cudthromach  agus  gu'm  bheU  e  airidh 
air  gu'n  toireadh  duine  a  bheatha  gu  h- 
iomlan  seachad  a  chum  na  h-oibre  sin.  Tha 
fhios  againn  gu'n  do  shaothraich  an  t- 
Abstol  Pol  le  a  lamhan  am  feadh  's  a  bha  e 
a'  searmonachadh,  ach  thubhairt  Pol  cuid- 
eachd, "  Nach'eil  fhios  agaibh  gu'm  bheil 
iad-san  a  tha  a'  saoithreachadh  mu  thimch- 
ioU  nithean  naomha  air  am  beathachadh 
bho'n  teampull  ?  agus  iad-san  a  tha  a' 
frithealadh  do'n  altair,  gu'm  bheil  comh- 
roinn  aca  ris  an  altair  ?  Agus  mar  sin 
dh'orduich  an  Tighearna  mar  an  ceudna 
dhaibh-san  a  tha  a'  searmonachadh  an  t- 
soisgeil  an  teachd-an-tir  fhaotainn  bho'n 
t-soisgeul  "  (1  Corint.  ix.  13-14).  Thagh  agus 
dh'orduich  Criosd  aireamh  dhaoine,  agus 
theagaisg  e  iad,  agus  chuir  e  a  mach  iad  a 
shearmonachadh . 

Ach  ged  a  tha  eadar-dhealachadh  mar 
sin  eadar  sinne  agus  na  Braithrean,  agus 
ged  a  tha  feadhainn  dhiubh  (na  "  Braithrean 
Duinte  ")  a  their  nach'eil  Criosduidhean 
dileas  ann  a  mach  bhuapa  fhein,  dleasaidh 
iad  urram  air  son  na  fianuis  a  tha  iad  a' 
togail  anns  an  t-saoghal  a  tha  ann,  oir  tha 
iad  da  rireabh  a'  stri  ri  timhlachd  a  thoirt 
do'n  chomhairle  so,  "  Na  bithibh  air  bhur 
cumadh  ris  an  t-saoghal  so  ;  ach  bithibh  air 
bhur  cruth-atharrachadh  tre  ath-nuadh- 
achadh  bhur  n-inntinn,  chum  gu'n_dearbh 
sibh  ciod  i  toil  mhaith,  thaitneach,  agus 
dhiongmhalta  sin  Dhe  "  (Rom.  xii.  2). 

Na  Pilgrims 

Mu  thimchioll  am  "  Faith  Mission  "  cha 
ruig  sinn  a  leas  uiread  a  radh.  Tha  iad  so 
gu  maith  aithnichte  anns  a'  Ghaidhealtachd 
agus  air  feadh  nan  Eileanan,  agus  is  mor 
am  maith  a  rinn  iad  an  iomadh  aite.  Cha 
tearc  idir  na  ministearan  is  foirbhich  is 
luchd-aideachaidh  a  tha  againn  ann  an 
Eaglais  na  h-Alba  a  bha  air  an  treorachadh 
-gu  eolas  slainteil  air  Criosd  tre  shaothair 
agus  tre  shearmonachadh  nam  "  Pilgrims." 
Ach  ann  an  sgir  no  dha  gheibhear  daoine  a' 
cur  'n  an  aghaidh,  agus  mar  sin  bu  mhath 
leam    beagan  innseadh   mu'n  deidhinn. 


CREIDEAMHAN  BEONACH  AN   LATHA  AN  DIUGH 


Duine  maith 

B'ann  anns  a'  bhliadhna  1886  a  thoisich 
am  "  Faith  Mission,"  agus  b'e  am  fear  a 
chuir  air  chois  e  Iain  Seoras  Govan,  duine 
ionraic  agus  caomh,  a  rugadh  an  Glaschu 
ann  an  1861.  Thainig  Iain  Govan  de 
theaghlach  crabhach  agus  bho  oige  a  nuas, 
ged  a  bha  obair  eile  ri  dheanamh,  chosd  e 
gach  mionaid  a  b'urrainn  dha  ann  a  bhi  a' 
searmonachadh.  An  toiseach  bha  talla  beag 
aige  ann  an  Glaschu,  ach  an  ceann  uine 
thainig  e  gu'n  chomh-dhunadh  gu'n  robh 
mor-fheum  ann  air  teachdatrean  an  t- 
soisgeil  a  chur  a  mach  gu  aitean  diithchail 
na  h-Alba.  Agus  mar  sin  thainig  am 
"  Faith  Mission  "  gu  bith.  Tha  an  obair 
so  air  sgaoileadh  am  fad  's  am  farsuinn, 
air  feadh  na  h-Alba,  air  taobh  sear  Shasuinn, 
anns  a'  Chuimrich  agus  an  Eirinn,  an  Canada 
agus  an  Africa  a  Deas. 

Bha  eolas  agam  fhein  air  Iain  Seoras 
Govan,  is  mi  'n  am  bhalach-sgoile,  agus 
is  minic  a  chuala  mi  e  a'  searmonachadh, 
ach  tha  mi  na's  eolaiche  air  a  theaghlach, 
agus  tha  mac  agus  nighean  dha  fhathast 
an  s^s  anns  an  obair  air  an  do  thoisich  esan. 
Ged  a  bha  an  dachaidh  an  Dim-eideann, 
b'ann  an  Ghnn-Eilge  a  bhiodh  iad  a'  cur 
seachad  an  t-samhraidh,  oir  phos  Iain  Seoras 
Govan  te  a  mhuinntir  Ghlinn-Eilge,  Anna 
Mh&,rtainn,  bean  dhiadhaidh  agus  ghrasail 
a  chuidich  leis  gu  mor  anns  an  obair.  Bha 
a  h-athair  'n  a  fhoirbheach  ann  an  eaglais 
Sgir  Ghlinn-Eilge,  Iain  Martainn  nach  mair- 
eann.  Chaochail  Iain  Seoras  Govan  an 
1927,  agus  chaochail  a  bhean  ann  an  1932, 
agus  b'e  a  torradh  aon  de'n  cheud  fheadhainn 
air  an  robh  mi  an  deidh  mo  shuidheachadh 
mar  mhinistear-sgir  Ghhnn-Eilge.  Tha 
leabhar  taitneach  sgriobhte  mu  bheatha 
agus  obair  Iain  Seoras  Govan  agus  na 
mnatha  aige,  air  a  chur  a  mach  le  aon  de'n 
teaghlach  fo'n  ainm,  "  Spirit  of  Revival,'" 
agus  is  math  ri  leughadh  e. 

'S  e  an  doigh-oibreachaidh  aig  am  "  Faith 
Mission  "  searmonaichean  (fir  agus  mnathan) 
a  chur  a  mach,  dithis  agus  dithis,  gu  aitean 
sonruichte.  Anns  gach  aite  d'an  teid  iad 
iarraidh  iad  fuireach  mios  no  sia  seach- 
duinean,  a'  gleidheadh  choinneamhan  air 
son  sean  is  6g  agus  a'  tadhall  ann  an  tighean 
an  t-sluaigh.  Is  math  leotha  comhnadh 
fhaighinn  bho  na  h-eaglaisean,  agus  tha  iad 
air  son  gu'm  bi  feadhainn  sam  bith  a  bhitheas 
air  an  tearnadh  tre  an  saothair-san  'g  an 
ceangal  fhein  ri  coimthional  anns  an  sgir. 
Tha  am  "Faith  Mission"  air  son  a  bhi  a' 
neartachadh  agus  a'  comh-oibreachadh  leis 
na  h-eaglaisean.  Gle  thric  tha  iad  a'  cur 
air  chois  "  croilean  urnuigh  "   (no  "Prayer 


Union ")  do  na  h-iompacham  aca  fhein, 
ach  tha  na  coinneamhan  iirnuigli  so  fosgailte 
do  na  h-uile,  agus  chan'eil  iad  a'  gabhail 
aite  seirbhisean  na  h-eaglais. 

Gheibhear  nithean  ann  an  teagasg  am 
"  Faith  Mission "  nach  cordadh  ri  Iain 
Calvin,  ach  saoilidh  mi  gu'm  bheil  an  teagasg 
sgriobturail  agus  soisgeulach.  Tha  iad  a' 
searmonachadh  losa  Criosd  agus  esan  air 
a  cheusadh,  mar  an  Ti  a  tha  a'  saoradh  a 
shluaigh  fhein  -bho  'm  peacanna  agus  'g 
am  baisteadh  leis  an  Spiorad  Naomh,  agus 
a'  toirt  dhaibh  a  bhi  ag  imeachd  ann  an 
nuadhachd  beatha.  Tha  Colaiste  bheag 
aca  an  Dtm-eideann  far  am  bheil  iad  a' 
teagasg  agus  ag  ullachadh  na  feadhna  a  tha 
iad  a'  cur  a  mach  mar  shearmonaichean. 
Chan'eil  iad  a'  baisteadh  no  a'  gleidheadh 
Suipear  an  Tighearna  ;  tha  iad  a'  fagail 
nan  dleasdanasan  sin  aig  na  h-eaglaisean 
agus  a'  comhairleachadh  do  an  luchd-leanmh- 
uinn  a  bhi  a'  frithealadh  air  orduighean  nan 
eaglaisean.  Tha  na  searmonaichean  (no 
"Pilgrims")  aca  a'  faotainn  cuideachaidh- 
airgid  bho'n  "  Mhission,"  ach  's  e  gle  bheag, 
du-each  na  dh'f hoghnas  air  son  an  cumail 
am  biadh  's  an  aodach.  Tha  iad  a'  leigeil 
taic  gu  mor  air  gu'n  solar  Dia  gach  ni  air  am 
bheil  feum,  agus  tha  iad  'g  am  fagail  fhein 
'n  a  laimh-san  air  son  feuman  am  beatha 
agus  air  son  an  treorachadh  air  gach  ceum 
de'n  turns,  agus  gu  miorbhuilteach  tha  Dia 
a'  beannachadh  a'   chreidimh  so  dhaibh. 

Boirionnaich  a'  searmonachadh 

'S  e  aon  ni  mu  thimchioll  am  "  Faith 
Mission  "  a  tha  a'  cur  moran  Ghaidheal  'n 
an  aghaidh  gu'm  bheil  iad  a'  ceadachadh  do 
na  mnathan  a  bhi  searmonachadh.  Chan 
aithne  dhomh-sa  gu'm  bheil  an  Sgriobtur 
an  aite  sam  bith  a'  bacadh  nam  mnathan 
bho  bhi  a'  searmonachadh  an  t-soisgeil. 
Tha  Pol  ag  radh,  "  Biodh  bhur  mnathan  'n 
an  tosd  's  na  h-eaglaisean,  oir  chan'eil  e 
ceaduichte  dhaibh  labhairt  (1  Corint.  xiv.  34), 
ach  chan'eil  dearbhadh  ann  gu'm  bheil  so 
a'  ciallachadh  nach  fhaod  na  mnathan  an 
sgriobtur  a  mhineachadh  agUs  an  soisgeul 
a  shearmonachadh.  Bha  mi-riaghailt  ann 
an  eaglais  Chorint,  agus  's  ann  an  co- 
cheangal  ris  a'  mhi-riaghailt  sin  a  bha  Pol 
a'  sgriobhadh.  Tha  iomradh  againn  air 
Philip,  an  soisgeulaiche,  aig  an  robh  ceathrar 
nighean  "  a  bha  ri  faidheadaireachd  " 
(Gniomh.  xxi.  9).  Ann  an  Criosd  chan'eil 
firionn  no  boirionn  (Gal.  iii.  28).  Cha 
ghabh  e  aicheadh  gu'm  bheil  agus  gu'n  robh 
njnathan  'n  an  guthan  eifeachdach  ann  a 
bhi  cur  an  ceiU  soisgeul  Chriosd  chum 
tetoiadh  dhaoine. 


(Ri  leantuinn). 


Aireamh  2 


1946 


Creideamh  gun  aoradh 

"  Thigibh,  agus  pilleamaid  ris  an  Tighearn." — Hosea  vi.  1, 


BITHIDH  mi  gle  thric  a'  dol  do  thigh- 
eiridinn  Pheairt,  far  a  bheil  cuil  bheag  aig 
an  dorus  anns  a  bheil  leabhar  mor  agus 
ainm  a  h-uile  duine  a  tha  air  an  toirt  do'n 
Tigh-eiridinn  air  an  cur  sios  ann  leis  a' 
phortair ;  an  ainm  agus  an  sloinneadh, 
am  baile  no  an  sgir  as  an  d'thainig  iad,  agus 
an  eaglais  d'am  buin  iad.  Is  ann  uair 
amiamh,  aon  as  a'  mhile,  a  chi  mi  ainm 
duine  nach  'eil  a'  tagradh  daimhe  ri  eaglais 
air  chor-eigin,  agus  an  la  roimhe  dh'  fhoigh- 
nich  mi  de'n  phortair  ciod  a  bha  e  an  duil 
as  aobhar  gu'm  buin  a  h-uile  duine  tinn  do'n 
eaglais,  ged  bhios  e  air  a  radh  anns  na 
paipearan-naidheachd  agus  le  maithean  na 
h-eaglais  fhein  nach  'eil  ach  deich  as  a' 
cheud  no  na's  lugha  de  shluagh  na  h-Alba 
a'  dol  do'n  eaglais  an  diugh  a  dheanamh 
aoraidh  do  Dhia,  no  a  thogail  am  fianuis 
gu  bheil  Dia  ann. 

Rinn  am  portair  snodha  beag  gaire,  agus 
is  e  a  thubhairt  e  "an  uair  a  dh'fh^sas 
daoine  tinn,  agus  a  thig  eagal  a'  bhais  orra, 
cha  bhi  sin  fada  'gan  toirt  d'an  ionnsuidh 
fein." 

A  bheil  muilleanan  dhaoine  an  Albainn 
an  diugh  nach  'eil  aca  fhein  ?  agus  a  bheil 
na  muilleanan  sin  air  seachran  o  Dhia  ?    ' 

Sin  ceistean  a  tha  duilich  am  freagairt  le 
cinnt,  ach  chan  'eil  teagamh  air  bith  uime 
so,  gu  bheil  gineal  ur  ag  eirigh  suas  an  diugh 
a  tha  a'  saoilsinn,  agus  a'  creidsinn  an  da- 
rireadh,  gu'm  faod  iad  dearmad  a  dheanamh 
air  aoradh  Dhe  gun  chall  air  bith  dhaibh 
fein,  no  gun  bhi  dad  na's  miosa  air  a  shon. 

A  bheil  so  fior,  no  a  bheil  na  daoine  sin 
ceart  ? 

Chan  'eil  e  fior  agus  cha  ghabh  e  bhi 
fior  ;  is  e  ceud  dhleasdanas  rahic  an  duine 
Dia  aideachadh,  agus  aoradh  a  dheanamh 
dha,  agus  mur  dean  e  sin,  tha  e  a'  teachd 
gearr  anns  a'  chrich  araidh  a  chuir  Dia 
roimhe. 

Chan  'eil  aobhar  ghearain  aig  an  eaglais 
an    diugh    a    thaobh    aireamh    an    luchd- 


comanachaidh.  Tha  gu  leoir  a  dh'ainmean 
air  rolaichean  a  chomanachaidh,  ach  chan 
'eil  feum  no  fiughair  aig  an  dara  leth  dhiubh 
air  dad  eile  o'n  eaglais  ach  an  clann  a 
bhaisteadh  agus  a  phosadh,  agus  iad  fhein 
a  thiodhlacadh  le  briathran  soluimte,  agus 
ann  an  dochas  nan  naomh,  an  uair  a  thig 
am  bas  orra.  Tha  baigh  aca  ris  an  eaglais  ; 
bheir  iad  suim  bheag  airgid  'ga  cuideachadh 
a  h-uile  bliadhna,  agus  na'm  maoidheadh 
a  naimhdean  a  di-steidheachadh  no  a  cur 
as,  theagamh  gu'n  seasadh  iad  a  mach  air 
a  taobh  gu  laidir,  ach  air  a  shon  sin  chan 
'eil  iarraidh  air  bith  aca  air  pairt  a  ghabhail 
'na  h-aoradh,  no  am  boidean  iocadh  do  Dhia 
an  co-chomunn  a  shluaigh. 

Tha  a  h-uile  eaglais  Phrostanach  am 
Breatunn  coltach  ri  cheile  anns  an  ni  so, 
an  eaglais  Shasunnach,  an  eaglais  Shaor, 
Baistich,  eaglaisean  mora  agus  eaglaisean 
beaga — -tha  an  dara  leth  de'n  luchd-coman- 
achaidh  aca  a  reir  choslais  de'n  bheachd 
nach  'eil  ann  an  aoradh  ach  foirm  gun  fheum 
a  theid  aca  air  deanamh  as  eugmhais  mar 
a  theid  aca  air  deanamh  as  eugmhais  com- 
panas  agus  co-chomunn  nan  creidmheach. 

Ciamar  a  sgaoil  am  beachd  so  cho  farsuing 
air  feadh  na  dtithcha,  gu'm  faod  Criosduidh- 
ean  deanamh  as  eugmhais  meadhonan  follais- 
each  nan  gras,  agus  c6  as  coireach  gu'n  do 
sgaoil  e  ?  Ann  an  seagh  fior  is  e  luchd- 
teagaisg  na  h-eaglais  fhein  a  sgaoil  e,  agus 
ghabh  e  sgiathan  a  chionn  gu  bheil  freumh 
de'n  fhirinn  ann.  Tha  e  fior  gu  bheil 
doighean  eile  anns  aji  gabh  spiorad  na 
criosdalachd  nochdadh  cho  maith  ri  bhi 
ag  iirnuigh  agus  a'  seinn  shalm  ;  am  fear  a 
tha  dol  a  mach  air  thurusan  na  trocair, 
no  am  fear  a  tha  a'  toirt  fianuis  do  Chriosd 
am  measg  a  chom])anach  aig  obair  le  dhils- 
eachd  d'a  mhaighstir  agus  le  beusalachd 
agus  uaisle  a  chaitheamh-beatha,  tha  iad 
a'  glorachadh  Dhe  agus  ag  aoradh  dha  cho 
maith. ris  na  h-ainglean  air  neamh.  Agus' 
anns  na  laithean  so  arms  nach  bu  mhaith 
leis  an  caijflais  a  bhi  air  dheireadh  air  com- 


ANNS  A'  CHATHAIR 


uinn  eile  arm  a  bhi  a'  frithealadh  do  chor 
saoghalta  agus  do  chorp  dhaoine,  theagamh 
gu'n  deachaidh  i  thar  na  cailce,  gun  fhios 
dhi  fhein,  a'  cur  barrachd  cudthroim  air 
beatha  agus  obair  dhaoine  na  air  urnuigh. 
no  aoradh,  gus  a  nis  a  bheil  an  dara  leth  de 
shluagh  na  h-Alba  de'n  bheachd  fhaoin 
agus  leanabail  so  gu  bheil  iad  fhein  diadhaidh 
ged  nach  bi  iad  ag  aoradh  anns  an  eaglais. 
Chan  abrainn-sa  duine  diadhaidh  ri  duine 
air  bith  nach  bi  ag  aoradh  Dhe,  agus  ma 
their  neach  eile  rium  gu'm  faod  daoine 
aoradh  uaigneach  a  dheanamh  nach  'eil 
ag  aoradh  Dhe  gu  follaiseach,  theirinn  ris 
nach  do  thachair  an  seorsa  dhaoine  sin 
orm  riamh.  Ach  chan  'eil  so  a'  ciallachadh 
nach  'eil  Dia  dliith  an  uaigneas  do  dhaoine 
aig  nach  'eil  cothrom  no  comas  air  dol 
do'n  eaglais. 

Tha  cridhe  mhic  an  duine  cho  domhain 
ris  a'  chuan  ;  cho  domhain  agus  gu  bheil 
e  furusda  dhaibh  a  bhi  'g  am  mealladh  fhein 
agus  a'  saoilsinn  gur  e  sud  no  so  (aobhair 
reusonta)  a  tha  'g  an  cumail  as  an  eaglais 
an  uair  is  e  an  fhior  aobhar  nach 
'eil  cail  aca  do  nithean  spioradail,  no  tart 
'n  am  anam  an  geall  air  Dia.  Is  e  Dia  agus 
co-chomunn  ri  ^Dia  toiseach  agus  meadhon 
agus  deireadh  na  beatha  dhiadhaidh. 

An  uair  a  thoisicheas  daoine  ri  iad  fhein 
fhireanachadh  air  son  nach  'eil  iad  a'  dol 
do'n  eaglais,  their  iad  nach  do  thadhaill  am 
ministear  orra  o  chionn  bUadhna,  no  gu 
bheil  an  t-seirbhis  ro  fhada,  no  gu  bheil  an 
eaglais  ro  fhuar,  no  gu  bheil  am  ministear 
sgitheil  'na  theagasg  agus  gur  fhearr  led 
an  Radio,  agus  co  dhiubh  gu  bheil  iad  a 
cheart  cho  maith  no  na's  fhearr  na'n  fheadh- 
ainn  a  bhios  a'  dol  innte.  Tha  seorsa  ur 
dhaoine  anns  an  duthaich  an  diugh  nach 
ceil  am  beachd,  gur  ann  anns  an  eaglais 
a  tha  na  h-aingidh  agus  na  Pharasaich  agus 
gu  bheil  na  naoimh  a  muigh.  Och,  och ! 
Ged  a  bhios  sinn  uile  a'  bruidhinn  air  an 
ni  hv  so  an  Albainn,  theagamh  nach  'eil 
'n  ar  bruidhinn  ach  diomhanas  agus  ruagadh 
na  gaoithe,  agus  gu'm  feum  sinn  feitheamh 


gus  an  gabh  Dia  an  gnothuch  'na  laimh 
fhein,  agus  an  crath  e  ar  tir  le  guth  no  le 
gniomh  ris  an  eisd  na  mairbh. 

Chan  'eil  ann  ach  aon  ni  a  bheir  air  daoine 
Dia  aideachadh,  no  gairm  air  ainm,  eigin 
anma  ;  an  eigin  a  tha  a'  teachd  o  uireasbhuidh 
no  o  fhaireachduin  air  cionta  a'  pheacaidh. 
Ach  chan  fhaighear  an  da  ni  sin  ach  ann  an 
iarmad  beag  de  mhuinntir  na  h-eaglais  an 
diugh  ;  tha  an  corr  dhiubh  mar  bha  eaglais 
Laodicea,  ag  radh,  "  Tha  mi  beartach,  agus 
air  fas  ann  an  saoibhreas,  agus  gun  fheum 
agam  air  ni  sam  bith."  Cha  mho  a  tha 
faireachduinn  aca  air  am  peacadh,  a  chionn 
nach  'eil  an  Dia  naomh  'n  an  sinuaintean 
idir,  no  a  lagh  naomh.  Agus  ged  chluinneas 
iad  anns  an  eaglais,  an  uair  annamh  a  theid 
iad  innte,  searmonaiche  a'  labhairt  mu  Dhia 
naomh  a  tha  air  a  righ-chathair,  a'  riaghladh 
ann  am  fireantachd,  chan  'eil  anns  a' 
bhruidhinn  sin  dhaibh  ach  mar  gu'm  biodh 
fuaim  agus  feadaireachd  na  gaoithe.  An 
aite  iad  fhein  irioslachadh  an  lathair  an  Ti 
Naoimh  a  bhris  iad  a  lagh,  is  ann  a  bhios 
iad  a'  deanamh  casaid  agus  gearan  'na 
aghaidh  mar  nach  biodh  esan  a'  toirt  ceartais 
dhaibhsan. 

Chan  'eil  dochas  air  bith  agamsa  gu'n 
gabh  an  droch  inntinn  so  a  bhi  air  a  spionadh 
asainn  le  gin  de  na  h-innleachdan  beaga 
agus  na  ribeachan  leis  a  bheil  an  eaglais  a' 
feuchainn  ris  an  t-sluagh  a  ghlacadh,  ach 
theagamh  gu  bheil  la  air  thoiseach  oirnn 
anns  an  labhair  Dia  ruinn  le  guth-smach- 
dachaidh  agus  breitheanais,  la  fasalachd 
agus  leir-sgrios,  la  neul  tiugh-dhorchadas, 
anns  an  rannsaich  e  Albainn  le  coinnlibh 
agus  an  smachdaich  e  na  daoine  a  tha  socair 
air  an  deasgainibh,  agus  a  tha  ag  radh, 
Cha  dean  an  Tighearn  maith,  ni  mo  ni  e 
olc. 

Amis  na  laithean  deireannach  so,  an  uair 
a  chuir  mac  an  duine  fhiaclan  cho  domhain 
ann  an  toradh  craobh  an  Eolais,  is  ion  do 
dhaoine  glic  ^eagal  a  bhi  orra,  agus  am  facal 
a  chuimhneachadh,  "  Anns  an  la  a  dh'itheas 
tu  dhith,  basaichidh  tu." 


Anns  a'  Chathair 


THA  mi  'ga  sgriobhadh  so  air  oidhche  na 
Sabaid,  an  deidh  obair  ah  la  a  chrioch- 
nachadh,  an  t-Sabaid  mu  dheireadh  de'n 
bhliadhna.  Tha  an  tigh  cho  samhach  's 
nach  'eil  dad  ri  chluinntinn  no  ri  fhaicinn  a 
thairngeadh  m'inntimi  air  falbh  o  na  smuain- 
tean  a  tha  ag  eirigh  imite  cho  tiugh  ri  sgaoth 
sheillearjaji. 


An  nochd  tha  m'aigne  luaineach 

'S  mo  smuaintean  bhuam  a'  triall, 

Gu  eilean  iosal  uaine 

An  iomall  a'  Chuain  Shiar. 
Ged  tha  mo  chomhnuidh  agam  am  meadhon 
Pheairt,    chan    ann   am    Peairt    a   tha    mo 
dhachaidh   no   mo   dhaoine  ;     tha   a'   chuid 
mhor  dhiubh  'nan  laighe  fo'n  fhoid  ann  an 


ANNS  A'  OHATHATR 


cladh  air  nach  'eil  dreach  no  maise  ach  a 
mhain  gu'n  cluinnear  ann,  a  shamhradh 
agus  a  gheamhradh,  an  ceol  as  binne  air  an 
talamh,  oran  na  h-uiseig  agus  stoth  na 
Traigh-moire. 

An  uair  a  bhios  duine  leis  f  hein  aig  deireadh 
na  bliadhna  tha  e  nadurra  gu'm  biodh 
cuimhne  aige  air  an  fheadhainn  a  tha  e  ag 
ionndrainn,  ach  tha  fichead  rud  eile  air  an 
cuimhnich  e  cuideachd  ;  na  cairdean  no  na 
coimhearsnaich  nach  deachaidh  e  a  dh'amh- 
arc  an  uair  a  bha  iad  tinn  ;  na  htrichean 
a  bu  choir  dha  a  sgriobhadh  ach  nach  do 
sgriobh  e  ;  htrichean  nach  do  fhreagair  e  a 
chionn  gu'n  robh  iad  ag  iarraidh  airgid ; 
cunntaisean  arms  an  do  chuir  e  dail  'nam 
paigheadh,  ged  rachadh  aige  air  a  dheanamh 
le  airgiod  uUamh  ;  mairbh  nach  deachaidh 
e  a  dh'ionnsuidh  an  tiodhlacaidh  aca  ; 
paisdean  ris  an  do  bhruidhinn  e  cas  ;  coimh- 
earsnaich anfhann  no  gun  sgoinn  a  bha 
fada  air  an  ais  le  obair  earraich  no  foghair, 
ach  leis  nach  do  chuidich  e  ; — sin  na  fithich 
dhubha  a  bhios  a'  tadhall  oirnn  aig  an  am  so 
de'n  bhhadhna,  a  chur  'nar  cuimhne  gu'n 
do  rinn  sinn  dear  mad  air  dleasdanasan  a' 
chairdeis  agus  na  diadhaidheachd.  Ciod, 
ma  ta,  a  ghabhas  deanamh  ?  Theagamh 
gu  bheil  e  ro  anmoch  a  nis  dhuit  feuchainn 
ris  na  tha  cearr  a  chur  ceart  m'an  teirig 
a'  bhhadhna,  ged  a  tha  suas  ri  deich-uaire- 
fichead  dhi  ri  ruith  fhathast,  ach  beag  no 
mor  'ga  bheil  an  uine  sin  b'  fhearr  dhuit 
feuchainn  ri  feum  maith  a  dheanamh  dhi 
seach  a  bhi  a'  caoidh  agus  ag  ochanaich  mu 
na  cothroman  a  chaill  thu. 

Chan  'eil  e  ro  anmoch 

Chan  ann  a  mhain  aig  deireadh  na  bliadhna 
a  bhios  daoine  aig  a  bheil  coguis  ~  mhaoth 
'g  an  criomadh  fhein  air  son  nithean  arms  an 
do  chuir  iad  dail,  no  air  an  do  rinn  iad 
dearmad,  ach  a  h-uile  la  d'  am  beatha.  Ach 
aig  deireadh  na  bhadhna  cuiridh  na  cuimh- 
neachain  sin  barrachd  mulaid  air  ar  n- 
inntinn  a  chionn  gu  bheil  fhios  againn  gu 
bheil  ar  laithean  a'  dol  seachad  mar  shruth 
siubhlach  cas,  agus  pailhun  ar  tighe  air 
thalamh  air  fas  cho  tana  's  nach  duth  dha 
mairsinn  fada  a  nis.  "  Chaidh  am  fogharadh 
seachad,  tha  an  samhradh  thairis,  ach  chan 
'eil  sinne  air  ar  saoradh.  Chan  e  sin  m' 
fhacal-sa,  ach  facal  Dhe. 

Theagamh  gu'n  abair  cuid  gu  bheil  e  a 
nis  ro  anmoch  dhaibh  an  doighean  athar- 
rachadh  a  thaobh  chleachdaidhean  a  tha 
aca  o'n  oige.  Ach  chan  'eil  e  ro  anmoch  do 
dhuine  air  bith  rtm  maith  a  chur  roimhe, 
no  roghainn  mhaith  a  dheanamh.  Chan  'eil 
e  ro  anmoch  do  dhuine  aig  a  bheil  teanga 


shalach,  a  bhios  a'  mionnachadh  agus  a' 
mallachadh,  no  ag  innseadh  bhreug — chan 
'eil  e  ro  anmoch  dha  a  rMh  ris  fhein,  "  Bheir 
mi  an  aire  do  m'  shlighibh,  nach  peacaich 
mi  le  m'  theangaidh."  Chan  'eil  e  ro  anmoch 
do  dhuine  a  tha  a'  deanamh  dearmaid  air 
aoradh  follaiseach  na  h-eaglais  a  rMh  ris 
fhein,  "  locaidh  mi  mo  bhoidean  do  Dhia 
an  lathair  an  t-sluaigh  uile."  Chan  'eil 
e  ro  anmoch  do  pharantan  a  radh,  An  nochd 
fhein  toisichidh  sinn  air  aoradh  teaghlaich 
a  bhi  againn  le  'r  cloinn.  Agus  gu  h-araidh 
chan  'eil  e  ro  anmoch  do  neach  air  thalamh 
a  radh,  "  Eiridh  mi  agus  theid  mi  dh' 
ionnsuidh  m'   athar." 

Ag  ath-cheanuach  na  h-aimsir 

Is  beag  an  aireamh  dhaoine  a  tha  a' 
riaghladh  am  beatha  gu  curamach,  no  a' 
deanamh  feum  maith  de  gach  uair  de  'n  la. 
Tha  sinn  an  duil  nach  'eil  iiine  againn  air 
a  shon  sud,  no- air  a  shon  so,  ach  tha  fhios 
aig  a  h-uile  duine  glic  nach  'eil  doigh  eile  air 
obair  gach  la  a  dheanamh  arms  an  la  sin  fhein, 
no  obair  na  seachduin  a  dheanamh  anns  an 
t-seachduin  sin  fhein,  ach  feum  a  dheanamh 
de  gach  sbruidhleach  no  crioman  a  dh'  iiine 
bhriste  as  urrainn  dhaibh  fhaotainn.  Chan 
'eil  moran  dhaoine  nach  'eil  a'  call  da  uair 
d'  an  uine  a  h-uile  latha  le  diomhanas,  no 
faoineas,  no  beulaireachd  gun  fheum.  Ach 
thig  da  uair  a  h-uile  la  gu  mios  an  ceann  na 
bhadhna,  agus  mios  's  a'  bhhadhna,  fad 
da  fhichead  bhadhna,  thig  sin  gu  corr  air 
tri  bhadhna,  crioman  ro  mhor  d'  ar  beatha 
ri  bhi  air  a  thilgeadh  bhuainn  gun  tairbhe. 

Chan  aithne  dhomh  seorsa  eile  dhaoine 
a  tha  ag  ath-cheannach  na  h-aimsir  cho 
maith  ri  cuid  de  mhathraichean,  math- 
raichean  a  their  riut,  ma  dh'  fheoraicheas 
tu  dhiubh  c'uin  a  tha  iad  a'  faotainn  uine 
air  an  tigh  a  chumail  cho  glan,  no  an  obaij 
a  dheanamh  cho  sgoinneil,  "  An  uair  a  bhios 
obair  an  la  ullamh,  agus  an  tigh  samhach, 
agus  a'  chlann  air  dol  a  laighe,  tha  uine 
againn  air  rudan  eile  a  dheanamh  air  nach 
robh  cothrom  againn  fad  an  la."  Sin  na 
boireannaich  as  fhiach  am  moladh,  agus  is 
e  an  duals  a  tha  aca  air  a  shon  gu  bheil  iad 
a'  deanamh  am  beatha  fhein  agus  beatha 
dhaoine  eile  rianail  agus  riaghailteach  agus 
foisneachail. 

Ma  sheall  thu  riamh  air  na  leabhraichean- 
sgriobhaidh  aig  balaich  anns  an  sgoil, 
theagamh  gu'n  d'  thug  thu  an  aire  gu'm 
bi  an  sgriobhadh  a'  fas  na  's  miosa  agus  na  's 
miosa  mar  as  fhaide  a  tha  e  a'  dol  o  'n  aite 
anns  an  do  thoisich  e,  gus  mu  dheireadh  a 
bheil  am  balach  a'  f^s  cho  sgith  dheth 
agus  cho  neo-chilramach  's  gu  'n  leig  e  ruith 


AIG  AN  UINNEIG 


le  laimh  gu  buileach  air  an  duilleig  mu 
dheireadh.  Sin  mar  a  tha  moran  dhaoine 
a  thaobh  reis  am  beatha,  agus  a  thaobh 
ctirsa  na  bliadhna  ;  saoilidh  iad  ma  rimi 
iad  dad  cearr,  no  ma  thuislich  iad  aig  leth 
na  slighe,  nach  fhiach  dhaibh  feuchainn  ri 
boidean  ura  no  oidhirp  ur  a  dheanamh,  is 
leigidh  iad  an  t-earball  leis  an  t-seiche. 

Chan  e  sin  idir  a  bu  choir  dhuinn  a  dhean- 
amh ;  ged  nach  biodh  romhainn  ach  aon 
1^  de  'n  t-seana  bhhadhna,  b'  fhiach  dhuinn 
an  1^  sin  fhein  a  chur  gu  buil  mhaith.  Tha 
cuimhne  agaibh  gu  'n  do  theagaisg  Criosd 
arm  an  aon  d'  a  chosmhalachdan  gur  fhiach 
do  dhuine  dol  an  ceann  oibre  am  f  ion-hos  Dhe 
ged  nach  biodh  aige  ach  aon  uair  arms  an 
saothraicheadh   e. 

Purraich  air  tharraich 

Ged  nach  feuch  mi  ri  chur  air  bonn  reusoin, 
tha  e  'n  am  chridhe  agus  'n  am  chnamhan 
gu  'm  bu  mhaith  learn  a  h-uile  ni  a  tha 
timchioll  orm,  a  muigh  no  a  stigh,  a  bhi 
criochnaichte  agus  sgiobalta  aig  deireadh 
na  bhadhna  ;  an  dasc  agus  na  tha  ann  ; 
na  leabhraichean  a  bha  agam  air  iasad, 
ach  a  dhichuimhnich  mi  a  chur  air  ais  ; 
na  geatachan  a  tha  gun  liidagain  o  thoiseach 
an  Fhoghair,  agus  iomadh  rud  eile  mar  sin — 
thig  iad  gu  m'  chuimhne  agus  cuiridh  iad 


an-fhois  'n  am  chnamhan,  ged  tha  fhios  agam 
jiach  'eil  aon  la  ach  mar  la  eile,  agus  deireadh 
bliadhna  mar  a  toiseach. 

Tha  mi  an  diiil  gur  e  aobhar  na  h-ireapais 
so,  gu  bheil  clach-mhile  air  bith  'n  ar  beatha 
a'  cur  'n  ar  cuimhe  gu  bheil  ar  n-uine  air 
thalamh  neo-chinnteach  agus  gur  glic  dhuinn 
ar  tigh  talmhaidh  agus  ar  ciiisean  saoghalta 
a  chur  an  ordugh,  a  thuilleadh  air  uUachadh 
eile  as  soluimte.  Uair  a  bha  a'  bhean  aig 
Tomas  Carlyle  tinn,  thubhairt  i  gu  'n  robh 
e  'na  chomhfhurtachd  mhor  dhi  fhios  a  bhi 
aice,  na  'n  tigeadh  am  bas  oirre,  gu  robh  a 
h-uile  rud  anns  an  tigh,  anns  na  cisteachan 
agus  anns  na  preasaichean,  agus  anns  na 
drathraichean,  'n  an  aite  fhein !  Chan  urrainn 
do  dhuine  irmtinn  fhoisneachail  a  bhi  aige 
ann  an  tinneas  mur  do  rinn  e  a  thiomnadh, 
no  ma  tha  a  h-uile  ni  a  bhuineas  dha  troimh- 
cheile. 

Ann  an  te  d'  a  litrichean  tha  Pol  ag  radh 
nach  e  Dia  ughdair  na  mi-riaghailt,  ach  ged 
nach  b'  aithne  dhuinn  am  facal  sin  idir, 
tha  gach  ni  a  tha  sinn  a'  faicinn  anns  a' 
chruthachadh,  anns  na  speuran  agus  air  an 
talamh,  a'  teagasg  dhuinn  gu  bheil  Dia 
ordail  'na  uile  shlighibh,  agus  riaghailteach 
'na  uile  ghniomhara  : 

Cuir  do  thigh  an  ordugh,  ma  ta,  m'  an 
tig   an   stoirm. 


Aig  an  Uinneig 


BU  mhaith  learn  innseadh  dhuibh  mu  dha 
fhacal  a  chuala  mi  air  an  aon  chuspair,  fear 
dhiubh  air  a  radh  le  ministear  aig  cruin- 
neachadh  de  phearsachan  eaglais,  agus  am 
fear  eile  air  a  radh  le  seana  bhean  a  bha 
ceithir  fichead  'a  a  coig.  Thubhairt  am 
ministear,  "  Bho  na  searmoin  a  tha  air  an 
liubhairt  le  ministearan  oga,  agus  bho,  na 
searmoin  a  chluinnear  air  an  Radio,  shaoil- 
eadh  tu  nach  'eil  dad  as  doimhne  anns  a' 
Chreideamh  Chriosdaidh  na  coibhneas." 
Thubhairt  an  t-seana  bhean,  "  Fhuair  mi 
saoghal.  fada,  agus  mo  chuibhrionn  de 
thrioblaid,  ach  dh'  ionnsaich  mi  an  leasan 
so,  nach  'eil  rud  eile  air  an  t-saoghal  cho 
priseil  ri  coibhneas." 

Mar  is  fhaide  a  smuainicheas  tu  air  an 
da  fhacal  sin,  cha  chuireadh  e  ionghnadh 
orm  na  'n  abradh  tu  gu  bheil  seana  mhnathan 
air  uairean  na  's  glice  na  na  ministearan. 
Gun  teagamh,  tha  tuiUeadh  is  coibhneas 
air  iarraidh  agus  ri  fhaotainn  ami  an  luchd- 
leanmhuinn  Chriosd,  ach  gun  choibhneas- 
gr^idh  'na  chridhe  chan  'eil  e  comasach  do 
dhuine  a  bhi  maith  no  diadhaidh  anns  an 


t-seagh  as  airde,  oir  is  piuthar  do  Ghradh 
Coibhneas,   nigheanan  Dhe. 

An  uair  a  leughas  sinn  an  Tiomnadh 
Nuadh  tha  e  soilleir  dhuinn  fhaicinn  ann  gu 
robh  barrachd  dhaoine  air  an  cosnadh  do 
Dhia  agus  air  an  taladh  d'  a  rioghachd  le 
coibhneas  Chriosd  na  bha  air  an  iompachadh 
leis  na  miorbuilean  mora  a  rinn  e.  Duine 
coibhneil  no  duine  laghach,  tha  e  mar  gu'm 
biodh  anail  bhl^th  an  earraich  a  bheir  fas 
anns  gach  aite  an  seid  i.  Ma  their  thu  gur 
fhearr  am  maitheas  a  thig  o  "  ghras  "  na 
am  maitheas  a  tha  ann  an  duine  gu  nadurra, 
is  e  an  fhreagairt  a  bheirinn  dhuit  gur  ann 
o  Dhia  a  tha  iad  le  cheile. 


Combaist 

Tha  e  duiUch  a  radh  le  cirmt  car  son  a 
rinn  Dia  sud,  no  car  son  a  rinn  e  so,  ach  co 
dhiubh  tha  mile  rud  ri  fhaicinn  anns  a' 
chruthachadh  a  thogas  an  smuain  ann  ad 
inntinn  gu  bheil  an  Ti  Mor  a  dhealbh  an 
saoghal  agus  an  cruinne-ce  coibhneil,  a 
thuilleadh   air   a   bhi   cumhachdach ;     agus 


AIG  AN  UINNEIG 


is  e  aon  de  na  comharraidhean  sin  air  coibh- 
neas  a'  Chruitheir,  gu  bheil  snathad  na 
combaist  daonnan  direach  air  an  aon  phort, 
no  an  aon  aird  arms  an  t-saoghal,  an  airde 
Tuath. 

Chan  'eil  annamsa  acli  paisde  a  thaobh 
an  eolais  so,  agus  theagamh  nach  'eil  diomh- 
aireachd  idir  do  luchd-ealain  anns  an  riid 
a  tha  'na  dhiomhaireachd  agus  'na  chtiis- 
smuain  dhomhsa,  ach  saoilidli  mi  nach  ann 
air  thuaiream  a  thachair  an  rud  so,  ach  a 
chionn  gu  'n  do  chuir  Dia  coibhneil  ni- 
eigin  ann  an  aoraibh  a'  chruthachaidh  a 
chuidicheadh  le  mac  an  duine  a  rathad 
fhaotainn  air  muir  agus  tu".  Tha  an  cruth- 
achadh  Ian  a  dh'  mnleachdan  beaga  laghach 
de  'n  t-seorsa  so,  a  nochdas  do  dhaoine  aig  a 
bheil  creideamh  agus  urram  diadhaidh  'nan 
anam  gur  e  Dia  coibhneil  a  smuainich  air 
an  cur  ann.  Chan  'eil  moran  nithean  anns 
an  t-saoghal  an  diugh  a  tha  a'  toirt  uiread 
toil-inntinn  do  dhaoine  ris  an  Radio,  ach 
chan  ann  do  Edison,  no  do  Mharconi,  no 
do'n  luchd-ealain  eile,  a  mhain  a  bhuineas 
cliu  air  a  shon  sin,  ach  d'  ar  Cruitheir  coibh- 
neil a  chuir  feartan  diomhair  ann  am  poraibh 
a'  chruthachaidh  leis  an  gabh  an  Radio 
oibreachadh.  Ma  bheir  astar  agus  soiUse 
nan  reultan  ort  smuaineachadh  air  cumh- 
achd  Dhe,  bheir  imileachd  na  combaist  ort 
smuaineachadh  air  a  choibhneas.  An  iongh- 
nadh  gu'n  abrainn  gur  e  Dia  caraid  an  t- 
seoladair,  agus  gu'm  faic  an  seoladair  a 
mhiorbhuilean  air  a'  chuan  ?  Maraichean 
ann  an  stoirm  no  ann  an  cas,  no  luchd- 
adhair  ag  itealaich  arms  na  neoil,  air  an 
daUadh  le  sneachd,  faodaidh  iad  am  beatha 
earbsadh  ris  a'  chombaist,  oir  cha  dean  ise 
mearachd,  a  chionn  gu  bheil  cumhachd 
dhiomhar  anns  a'  chruthachadh  a'  tarruing 
na  snathaid  gu  tuath. 

Goguis 

Ann  an  iomadh  doigh  tha  coguis  nadurra 
an  duine  coltach  ris  a'  chombaist.  Chuir 
Dia  ni-eigin  ann  an  nadur  mhic  an  duine 
a  tha  a  cheart  cho  neo-mhearachdach  ris  a' 
chombaist.  Their  cuid  nach  'eil  'n  ar  coguis 
ach  tigh-soluis  a  tha  air  a  lasadh  'n  ar  n- 
inntinn  o  fhiosrachadh  nan  linntean,  no 
sgathan  anns  a  bheil  guth-breitheanais  an 
t-saoghail  ri  fhaicinn  no  ri  chluinntimi. 
Ach  tha  coguis  na  's  sine  agus  na  's  doimhne 
na  guth-breitheanais  an  t-saoghail ;  cho 
cinnteach  aisde  fhein  agus  cho  neo-eisio- 
maileach  'na  doighean  's  nach  e  mhain 
gu'n  teid  i  air  uairean  an  aghaidh  guth- 
breitheanais  an  t-saoghail,  ach  gu'n  toir 
i  diilain  dha.  Is  e  an  fhu-inn  nach  aim  ri 
guth-breitheanais  an  t-saoghail  a  tha  a 
gnothuch  idir,  agus  is  beag  aice  ciod  a  their 


an  saoghal ;  tha  a  gnothuch  ris  gach  duine 
fa-leth  anns  an  do  chuir  Dia  (agus  chan  e 
neach  eile)  o  thiis  i ;  fianuis  air  fein  agus 
air  a  lagh,  nach  gabh  ceannach  no  a  cumail 
'na  tosd,  nach  eisd  ri  lethsgeul  no  ri  maoidh- 
eadh  ;  ciiirt  uaigneach  a  tha  a'  toirt  seachad 
a  binne  g^n  fhabhar,  gun  eagal,  gun  chlaon- 
bhaigh,  air  smuaintean  diomhair  do  chridhe. 

Ma  bh^  thu  riamh  air  muir  ann  an  stoirm, 
agus  ma  sheas  thu  dliith  do'n  fhear  a  bha 
aig  a'  chuibhiU,  a'  faicinn  snathad  na 
combaist  a'  leumartaich  agus  a'  dol  air 
chrith  mar  bha  am  bata  air  a  sloistreadh 
leis  an  fhairge,  chitheadh  tu  gur  e  an  t- 
snathad  chaol  stailinn  an  t-aon  rud  a  bu 
chinntiche  agus  a  bu  neo-ghluasadaiche  air 
bord  ;  ged  chuireadh  am  bata  a  toiseach 
no  a  deireadh  fo'n  uisge,  no  ged  bheireadh 
i  sithidhean  a  nuU  no  nail,  bha  an  t-snathad 
direach  air  an  airde  Tuath,  gun  bhuaireas 
gun  teagamh,  a  chionn  gu  robh  greim  oirre 
aig  cumhachd  dhiomhair  air  chor-eigin  ann 
an  cridhe  na  talmhainn  nach  leigeadh 
as  i. 

Chan  'eil  comharradh  as  cinntiche  air 
coibhneas  Dhe  na  seasmhachd  nan  laghanan 
d'a  bheil  an  saoghal  nadurra  a'  toirt  geill. 

Coguis  fheall 

Tha  iomadh  seorsa  coguis  air  an  ainmeach- 
adh  anns  a'  BhiobuU  ;  coguis  neo-lochdach  ; 
deagh  choguis  ;  coguis  anfhann ;  coguis 
ghlan  ;  coguis  shalach  ;  coguis  air  a  losgadh 
le  iarunn  dearg ;  ach  tha  seorsa  eile  am 
measg  dhaoine  air  nach  'eil  ainm  as  freagar- 
raiche  na  coguis  fheaU. 

Chan  'eil  daoine  air  an  t-saoghal  as  duilghe 
a  bhi  suas  riutha  na  daoine  a  bhios  a'  dean- 
amh  iodhal  d'an  coguis  ann  an  nithean 
beaga  suarrach ;  daoine  a  bhios  an  dtiil 
gur  e  an  coguis  a  tha  a'  toirt  orra  a  bhi  a' 
seasamh  a  mach  o  dhaoine  eile  an  uair  is 
e  an  dannarrachd  no  am  fein-fhireantachd 
a  tha  toirt  orra  a  dheanamh.  Chan  fhiach 
leis  an  Lagh  suim  a  ghabhail  do  nithe  beaga 
suarrach  ;  nach  mo  gu  mor  bu  choir  do'n 
t-Soisgeul,  agus  do  na  daoine  a  tha  fo 
bhuaidh  an  t-Soisgeil,  gun  leigeil  leo  fhein 
a  bhi  fo  dhaorsa  do  choguis  fheall  a  thaobh 
nithean  gun  fhiu  ;  a'  sioladh  na  meanbh- 
chuileig  agus  a'  sluigeadh  a'  chamhail. 

Tha  a'  mheanbh-chuileag  olc  gu  leoir 
do'n  chorp,  oir  bheir  i  malaria  no  fiabhrus- 
buidhe  dhuit,  ach  tha  i  na's  miosa  air  fad 
an  uair  a  theid  i  an  sas  anns  a'  choguis,  oir 
bheir  i  ak  daoine  a  shaoilsinn  gu  bheil  iad 
a'  seasamh  gu  daingean  air  prionnspal,  an 
uair  nach  'eil  iad  ach  a'  seasamh  'n  an  solus 
fhein.  Gheibh  duine  os  cionn  malaria, 
ach  is  annamh  a  gheibh  e  os  cionn  dann- 
arrachd na  coguis  fheall. 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


Creideamhan  Neonach  an  Latha  an  Diugh 

Leis  an  Urramach  T.  M.  Mac  Calmain,  M.A.,  an  Govan. 
(Air  a  leantuinn) 


Na  Cooneyites 

CO  as  a  dh'eirich  na  "  Cooneyites,"  agus 
c'4it  an  d'fhuair  iad  an  t-ainm  neonach  so  ? 
B'ann  bho  aon  de  shearmonaichean  am 
"  Faith  Mission  "  a  dh'eirich  iad  air  tus, 
ach  chan'eil  ceangal  sam  bith  eadar  an  da 
sheorsa  ach  sin  f hein,  agus  tha  iad  gle  fhada 
an  aghaidh  a  cheile.  Bha  fear  a  mhuinntir 
Alba,  d'am  b'ainm  Uilleam  Irvine,  air  a 
chur  do  Eirinn  leis  am  "  Faith  Mission  "  a 
shearmonachadh  an  sin  anns  a'  bhhadhna 
1897,  ach  dhealaich  e  bhuapa  agus  chaidh 
e  mach  leis  fhein  agus  cha  b 'fhada  gus  an 
do  chruinnich  e  comhlan  de  mhuinntir  6g 
m'a  thimchioU  a  lean  e  bho  aite  gu  aite. 
An  toiseach  bha  cead  aige  coinneamhan  a 
chumaU  ann  an  eaglaisean  Prostanach,  ach 
cha  b 'fhada  gus  an  do  shin  e  air  caineadh 
nan  eaglaisean  gu  guineach,  nimheil.  Cha 
robh  Criosduidhean  ann  (ar  leis)  ach  an 
fheadhainn  a  bha  'g  a  leantuinn  fhein.  Am 
measg  na  feadhna  a  bha  a'  leantuinn  Irvine 
agus  a  bha  a'  searmonachadh  comhla  ris 
bha  fear  d'am  b'ainm  Eideard  Cooney,  agus 
's  ann  bhuaith-san  a  fhuair  a'  bhuidheann  an 
t-ainm,  na  "  Cooneyites."  Tha  ainm  no 
dh^  eile  aca,  mar  "  Go-Preachers "  no 
"  Tramp-Preachers,"  ainm  a  thugadh  orra 
bho'n  doigh  a  tha  aca  air  a  bhi  dol  bho  aite 
gu  aite,  a'  coimhhonadh  (a  reir  am  beachd) 
aithne  Chriosd,  "  Imichibh  agus  searmon- 
aichibh." 

Tha  na  "  Cooneyites  "  a'  cur  an  taic  air 
a  bhi  leantuinn  gu  litireil  gach  aithne  a  thug 
Criosd  d'a  cheud  dlieisciobuil,  agus  ris  an 
doigh-beatha  so  their  iad  "  Slighe  losa." 
Gu  sonruichte  tha  iad  a'  bunaiteachadh  air 
Lucas  ix.  1-5  agus  Lucas  x.  1-9.  Anns 
na  h-earrannan  sin  tha  sinn  a'  leughadh  gu'n 
do  chuir  losa  a  mach  an  da  fhear  dheug, 
le  tighdarras  thairis  air  na  deamhain  agus 
a  chum  euslaint  a  leigheas.  Chaidh  iad  a 
mach  gun  ni  air  bith  aca  chum  na  shghe, 
bataichean  no  mala  no  aran  no  airgiod, 
agus  ghabh  iad  troimh  na  bailtibh,  a' 
searmonachadh  an  t-soisgeil  agus  a'  leigheas 
anns  gach  aite.  'N  a  dheidh  sin,  chuir  losa 
a  mach  deichnear  agus  tri '  fichead  eile, 
"  agus  chuir  e  lion  dithis  agus  dithis  roimh 
a  ghnuise  iad,  do  gach  baile  agus  aite  anns 
an  robh  esan  gu  teachd."  Chaidh  iad  so 
cuideachd  a  mach  gun  sporan  no  mala  no 
brogan. 


Slighe  losa 

Tha  na  "  Cooneyites  "  ag  radh  gur  e  so  a 
tha  iad-san  a'  deanamh,  agus  gur  e  so  an 
aon  doigh  cheart  air  a  bhi  'n  ad  Chriosduidh  ; 
gur  e  so  a  bhi  ag  imeachd  air  "  SHghe  losa." 
Ach  feumar  a  thuigsinn,  an  uair  a  chuir 
losa  a  mach  na  deisciobuil  air  tus,  b'ann  air 
son  aobhair  shonruichte  co-cheangailte  ri 
obair  fhein  an  laithean  fheola  air  an  talamh. 
Bha  an  obair  shonruichte  so  ri  dheanamh 
mar  ullachadh  fa  chomhair  a  theachd  fhein 
a  dh'ionnsaigh  nam  bailtean  sin.  Cha  robh 
losa  a'  ciallachadh  gur  ann  mar  so  a  dh'fheu- 
madh  a  h-uile  Criosduidh  a  dheanamh  gu 
deireadh  tim.  Cha  robh  ann  ach  aithne  air 
son  an  ama  sin  fhein.  A  rithisd,  chan 
urrainn  na  "  Cooneyites  "  a  radh  le  fhinn 
gu'm  bheil  iad  a'  leantuinn  na  h-aithne  so 
gu  h-iomlan.  Chan'eil  iad  a'  leigheas  eus- 
laint, no  a'  tilgeil  a  mach  dheamhan.  Cha 
mhotha  na  sin  a  tha  iad  a'  searmonachadh 
do  na  h-Iudhaich,  ged  is  ann  do  "  theaghlach 
caiUte  tigh  Israeli  "  a  chuir  losa  a  dheiscio- 
buil,  ag  aithne  dhaibh  gun  dol  gu  na  Cinnich. 
'S  i  an  aithne  a  thug  an  Tighearna  losa  d'a 
shluagh  uile  a  thaobh  searmonachadh  an 
t-soisgeil  an  aithne  a  thug  e  an  deidh 
aiseirigh,  "  Imichibh-sa  agus  deanaibh  deis- 
ciobuil de  gach  uile  chinneach,  'g  am  bais- 
teadh  ....  (agus)  a'  teagasg  dhaibh  gach 
uile  ni  a  dh'aithn  mise  dhuibh  a  choimhead  " 
(Mata  xxviii.  19-20,  Faic  Gniomh  i.  8). 

Chan  ann  le  bhi  a'  leantuinn  eisimpleir 
Chriosd  gu  htireil  a  tha  daoine  air  an  te^r- 
nadh.  Chan  urraiim  neach  sam  bith  eisim- 
pleir Chriosd  a  leantuinn,  no  teagasgan 
Searmon  na  Beinne  (Mata  v.)  a  chur  an 
gniomh  gus  an  tachair  rud  eile  an  toiseach. 
Tha  leanmhuinn  Chriosd  mar  thoradh  air 
iompachadh  ;  chan'eil  leanmhuinn  Chriosd 
a'  cosnadh  tearnaidh.  Tha  sinn  air  ar 
fireanachadh,  chan  ann  tre  dheagh  oibribh 
ach  tre  chreideamh,  ged  is  e  deagh  oibrichean 
toradh  a'  chreidimh.  Tha  Pol  ag  radh  (ann- 
an  Rom.  v.  10)  gu'm  bheil  simi  an  toiseach, 
air  dhuinn  bhi  'n  ar  naimhdean,  air  ar 
deanamh  reidh  ri  Dia  tre  bhas  a  Mhic ; 
agus  an  deidh  sin,  air  dhuinn  a  bhi  air  ar 
deanamh  reidh,  tha  sinn  air  ar  saoradh  tre 
a  bheatha.  Sin  ri  r4dh,  an  toiseach  tha 
sinn  air  ar  deanamh  reidh  (air  ar  te^rnadh) 
tre  eifeachd  a'  chroinn-cheusaidh,  agus  an 
uair  a  thachras  an  t-atharrachadh  mor  sin 


CREIDEAMHAN  NEONACH  AN  LATHA  AN  DIUGH 


tha  sinn  air  ar  saoradh  tre  a  bheatha,  air 
ar  naomhachadli,  air  ar  deanamh  na's 
coltaiche  ris-san,  air  ar  deanamh  comasach 
beatha  bhuadlimhor  a  bhi  againn  thairis 
air  bacaidhean  is  buairidhean  an  t-saoghail 
so,  agus  sin  tre  chumhachd  Chriosd  a  tha 
bed  annainn  (faic  Gal.  ii.  20).  Chan  ann  le 
bhi  a'  deanamh  mar  a  rinn  Criosd  'na  bheatha 
fhein  air  an  talamh,  ach  tre  chumhachd  a 
bheatha  ghlormhoir  a  tha  aige  air  deas 
laimh  Dhe  a  nis,  a  tha  sinn  air  ar  naomh- 
achadh.  An  uair  a  tha  Peadar  ag  radh 
gu'n  d'fhag  Criosd  eisimpleir  againn  a  chum 
gu'n  leanadh  sinn  a  cheuman  (1  Pead.  ii.  21), 
tha  e  a'  labhairt  riutha-san  a  tha  cheana  air 
an  iompachadh.  Mar  sin  chan'eil  steidh 
no  bunait  aig  na  "  Cooneyites  "  air  son 
an  cuid  teagaisg  mu  "  ShHghe  losa." 

Doighean  nan  Cooneyites 

,  'S  e  an  doigh  a  tha  aig  na  "  Cooneyites  " 
a  bhi  dol  'n  an  dithis  gu  baile  beag  agus 
feuchainn  ri  faighinn  a  stigh  comhla  ri 
teaghlach  Criosdail.  Le  am  beulachas  agus 
leis  mar  a  thogas  iad  an  Sgriobtur  gu  fileanta 
air  an  teanga,  theid  aca  air  an  teaghlach  sin, 
no  pairt  dhiubh,  a  tharruing  'n  an  deidh. 
Mur  gabh  an  teaghlach  riutha,  crathaidh 
iad  dhiubh  an  duslach  bharr  an  casan  mar 
fhianuis  'n  an  aghaidh,  agus  mar  sin  cuiridh 
iad  an  t-eagal  air  creutairean  bochda.  Gle 
thric  tha  iad  a'  roinn  theaghlaichean  an 
aghaidh  a  cheile.  Tha  iad  gu  tur  an  aghaidh 
nan  eaglaisean  agus  an  aghaidh  gach  seorsa 
eile  nach'eil  dhiubh  fhein.  Their  feadhainn 
dhiubh  gu'm  bheil  daoine  mar  a  bha  Wesley 
agus  Spurgeon  ann  an  ifrinn.  Chan'eil  an 
fhirinn  ceart  mur  cluinnear  i  bho'n  bheul 
aca-san.  An  uair  a  gheibh  iad  dithis  no 
triiiir  a  leanas  riutha,  suidhichidh  iad 
coimhthional  dhaibh  fhein,  a'  coinneachadh 
ann  an  tigh-comhnuidh,  agus  a'  briseadh 
arain  gach  maduinn  Sabaid.  Tha  iad  mar 
an  ceudna  a'  baisteadh  an  luchd-leanmhuinn. 
Tha  iad  ag  iarraidh  an  luchd-leanmhuinn 
gach  ni  a  tha  aca  a  leigeil  seachad  agus  dol 
a  mach  a  shearmonachadh.  Tha  cuid  ag 
radh  gu'm  bheil  na  "  Cooneyites  "  an 
aghaidh  posaidh  agus,  ma  tha  sin  fior, 
tuigear  na  cunnartan  a  tha  an  cois  a'  bheachd 
sin.  Feumar  a  radh  gu'm  bheil  na  "  Cooney- 
ites "  gle  mhi-dheonach  dad  de'n  teagasg 
aca  a  chur  ann  an  sgriobhadh,  agus  mar 
sin  tha  e  car  doirbh  lan-chunntas  a  thoirt 
air  na  beachdan  aca. 

Daoine  connspoideach 

Ach  tha  aon  ni  soilleir.  Ged  nach'eil  na 
"  Cooneyites  "  ach  tearc,  theid  aca  air 
moran  dragii  is  aimhreit  aobharachadli  ann 


an  sgir  agus  ann  an  coimhthional,  agus 
eadhon  ann  an  teaghlach.  Chan'eil  iad  uair 
sam  bith  a'  dol  a  mach  a  shireadh  nan  ana- 
creideach  ;  's  ann  a  tha  iad  a'  stri  ri  greim 
fhaotainn  orra-san  a  tha  cheana  ag  aideach- 
adh,  agus  a'  toirt  a  chreidsinn  orra  nach'eil 
iad  'n  an  Criosduidhean  ceart  mur'eil  iad 
a'  leantuinn  air  "  Slighe  losa,"  mar  a  tha 
na  "  Cooneyites  "  'g  a  mineachadh.  Ann  a 
bhi  toirt  breith  air  an  teagasg  agus 
air  an  doigh-beatha  a  tha  sruthadh 
uaithe,  feumar  a  rMh  gur  e  a  tha 
aig  na  "  Cooneyites  "  "  soisgeul  eile  "  eadar- 
dhealaichte  bho  shoisgeul  an  Tiomnaidh 
Nuaidh.  'S  e  tha  aca  teagasg  cosmhuil 
ris  an  teagasg  a  bha  'n  a  bhuaireadh  do 
eaglais  Ghalatia,  teagasg  anns  am  bheil 
daoine  a'  stri  ri  tearnadh  an  anma  a  chosnadh 
tre  oibribh  an  lagha.  Chan'eil  daoine  a' 
cosnadh  slainte,  aon  chuid  le  bhi  a'  leantuinn 
eisimpleir  Chriosd,  no  air  dhoigh  eile.  'S 
e  a  tha  ann  an  slainte  saor-thiodhlac  a  tha 
sinne  a'  gabhail  tre  chreideamh,  agus  mar 
thoradh  air  sin  tha  deagh  oibrichean  'g  an 
nochdadh  fein  annainn.  Air  ar  fireanach- 
adh  tre  chreideamh,  tha  sith  againn  ri  Dia, 
agus  tha  buaidh  an  Spioraid  'g  ar  n-athnuadh- 
achadh  ann  an  spiorad  ar  n-inntinn  gus 
fa-dheoidh  tre  chomhnadh  gras  Dhe. 
"  Gu'n  iompaichear  gu  choslas  sinn 
Trath  mhosglas  sinn  o'n  viir."     - 

Chan  aithne  dhomh  gu'm  bheil  slighe  na 
slainte,  a  reir  an  Tiomnaidh  Nuaidh,  air  a 
deanamh  cho  soiUeir  an  aite  air  bith  's  a  tha 
i  ann  an  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  : 

"Is  e  Fireanachadh  gniomh  saor  ghras 
Dhe,  anns  am  bheil  e  a'  maitheadh  dhuinn 
ar  n-uile  pheacanna,  agus  a'  gabhail  ruinn 
mar  fhireanaibh  'n  a  fhianuis  ;  agus  sin  a 
mhain  air  sgath  fireantachd  Chriosd  air  a 
meas  dhuinn  agus  air  a  gabhail  thugainn 
le  creidimh  a  mhain." 

"  Is  e  Uchd-mhacachd  gniomh  saor  ghras 
Dhe,  leis  am  bheil  sinn  air  ar  gabhail  a  steach 
an  aireamh  clann  Dhe;  agus  a'  faighinn 
coir  air  gach  sochair  a  bhuineas  dhaibh." 

"Is  e  Naomhachadh  obair  saor  ghras 
Dhe,  leis  am  bheil  sinn  air  ar  n-athnuadh- 
achadh  's  an  duine  gu  h-iomlan,  a  reir 
iomhaigh  Dhe,  agus  air  ar  deanamh  coma- 
sach na's  motha  agus  na's  motha  gu  basach- 
adh  do'n  pheacadh  agus  teachd  beo  do 
fhireantachd." 

Faeal  's  an  Dealachadh 

Tha  sinn  a  nis  dir  cunntas  a  thoirt  air 
cuid  de  chreideamhan  neonach  an  latha 
an  diugh.  An  uair  a  thoisich  mi  air 
sgriobhadh  mu'n  deidhinn,  cha  robh  ddU 
aoani    gu'm    biodh    uibhir    ri    rkdh    mu'n 


CREIDEAMHAN  BEONACH  AN    LATHA  AN  DIUGH 


timchioll,  ach  's  ann  a  dh'fhaodamaid.  uibhir 
eile  a  radh.  Ach  foghnaidh  so,  tha  mi  an 
dochas,  gus  daoine  a  chur  'n  am  faireachadh. 

Tha  mi  an  dochas  gu'n  do  thuig  ar  luchd- 
leughaidh  gu'm  bheil  gach  aon  de  na  buidh- 
nean  a  dh'ainmich  mi  a'  togail  aon  cheist 
mhor  a  tha  cur  dragh  air  moran  dhaoine 
a  tha  a'  feuchainn  ri  freagairt  a  thoirt  dhith. 
"  An  e  am  hks  a'  chrioch  ?  "  agus  tha 
freagairt  aig  na  Spioradalaich  do'n  cheist  sin. 
"  Ciod  is  ciall  do  phian  agus  do  fhulangas  ?  " 
agus  tha  freagairt  aig  an  Ealdhain  Chriosdail 
dhith  sin.  "  Am  bheil  cursa  eachdraidh 
an  t-saoghail  a'  deanamh  a  dh'ionnsaigh 
ceann-uidhe  ?  "  agus  tha  Fianuisean 
lehobhadh  a'  freagairt  na  ceiste  sin.  "  Co 
dha  a  tha  geallaidhean  an  Sgriobtuir  air 
an  toirt  1  "  agus  tha  na  li-IsraeUch  Bhrea- 
tunnach  a'  freagairt  sin.  "  Ciod  i  shghe  na 
slainte  ?  "  agus  tha  na  Cooneyites  a'  toirt 
am    mineachaidh   fhein    air    sin. 

Ach  sin  agaibh  ceistean  d'am  bheil 
freagairtean  air  an  toirt  anns  a'  BhiobuU, 
freagairtean  ceart.  'S  ann  do  bhrigh  's 
gu'm  bheil  a  leithid  de  dhaoine  cho  aineolach 
air  ciod  a  tha  Dia  ag  radh  'n  a  Fhacal  a  tha 
na  creideamhan  neonach  a'  faotainn 
eisdeachd  d'an  cuid  freagairtean  mearach- 
dach. 


Tha  againn  ann  an  Criosd  agus  anns  a' 
Bhiobull  agus  ann  an  teagasgan  na  h- 
eaglais,  a  tha  togte  air  Facal  Dhe,  na 
dh'fhoghnas  dhuinn  air  son  tim  agus  air 
son  siorruidheachd.  Chan'eil  dad  math  aig 
na  creideamhan  iira  dhuinn  nach  fhaigh 
sinn  cheana  anns  a'  Bhiobull ;  ach  tha 
iad-san  a'  tairgse  morain  eile  a  tha  'n  a 
mhealladh  dhaibh-san  a  ghabhas  ris. 

'S  i  an  doigh  as  fhearr  air  seasamh  an 
aghaidh  nan  teagasgan  neonach  air  an  tug 
mi  iomradh  agus  gach  creideamh  neonach 
eile,  a  bhi  fiosrach  anns  na  Sgriobturan  agus 
a  bhi  cleachdadh  meadhonan  nan  gras. 
"  Cuiribh  umaibh  uile  armachd  Dhe,  chum 
gu'm  bi  sibh  comasach  air  seasamh  an 
aghaidh  cuilbheirtean  an  diabhuil  .... 
'ur  leasraidh  air  an  crioslachadh  le  firinn, 
agus  uehd-eididh  na  fireantachd  umaibh, 
agus  ullachadh  soisgeul  na  sithe  mar  bhrogan 
agaibh  air  'ur  casan  ....  a'  glacadh  do 
'ur  n-ionnsaigh  sgiath  a'  chreidimh  .... 
agus  glacaibh  clogaid  na  slainte  agus  claidh- 
eamh  an  spioraid,  ni  as  e  Focal  Dhe,  a' 
deanamh  urnuigh  a  ghnath  leis  gach  uile 
ghne  urnuigh  agus  asluchaidh  's  an  Spiorad, 
agus  a'  deanamh  faire  chum  an  ni  so  fein 
maille  ris  gach  uile  bhuanachadh  "  (Ephes. 
vi.   11-18). 


Urram  do'n  Uan 


Tha  Sion  a'  seinn  cho  binn  's  as  urrainn, 

Toirt  mile  urram  do'n  Uan  ; 

A'  seinn  air  a'  ghaol  nach  caochail  tuille, 

'S  e  shaor  i  buileach  o'n  truaigh  ; 

Halleluiah  gu  buan  aig  sluagh  na  flaitheas, 

Tha  cuartach'  cathair  an  righ ; 

'S   na   leanas    an   t-Uan   de'n   t-sluagh    air 

thalamh. 
So  ''m  fuaim  ni  tairis  an  cridh. 

Is  airidh  Mac  Dhe  air  geill  is  urram, 

'S  e  fein  a  dh'  fhuiling  am  bas  ; 

'S  e  chunnaic  ar  feum  's  ar  n-eigin  uile, 

'S  leis  fein  bu  duHich  ar  cas  ; 

'S  ann  ghiulan  e  fein  gu  leir  na  buillean, 

O'n  dh'eirich  dhuinne  bhi  slan  ; 

'S  tha  lotan  's  a  chreuchdan  'g  eigheach  uile 

Gach  creutar  urram  thoirt  da. 


'S  e  ghaol  a  bha  siorruidh  riaraich  sume, 

Is  Dia  bhi  leinne  'san  fheoil ; 

Is  cupan  a  ghaoil  bhi  taomadh  thairis, 

'S  e  saor  dh'ar  n-ana;m  ri  61 ; 

Tha  buaidh  ann  a  ghradh  a  dh'arach  clainne, 

Na  's  fearr  na  bainne  is  fion  ; 

'S   an  t-anam  bhios   truagh   'ga  ruag   's   e 

falamh, 
'S  e  'n  t-Uan  so  baile  na  dion. 

'S  e  m'fhireantachd  shaor  's  mo  naomhachd 

ghlan  e, 
M'   fhear-saoraidh   's   carraig  mo  shlauit  ; 
'S  e  m'altair  is  m'  iobairt-sith  's  mo  charaid, 
Mo  righ,  mo  shagairt,  is  m'  fhaidh  ; 
Sar-bhunait    tha    cinnt,    clach-chinn   na   h- 

oisein, 
'S  e  'n  ti  a  choisinn  mo  ghradh  ; 
'S  nuair  thig  e  a  ris  bidh  mi  ris  cosmhuil 
Ge  dibUdh  bochd  mi  an  trath-s'. 


Le  Padraig  Grannd 


Aireamh  3 


1946 


An  Spiorad  Naomh 


BU  mhaith  learn  beagan  a  r^dh  air  an 
duilleig  so  mu'n  Spiorad  Naomh  mar  gu 
'm  bithinn  a'  bruidhinn  aig  coinneamh- 
cheist,  chan  ann  ri  diadhairean  mu  Threas 
Pearsa  na  Trianaid  ach  ri  daoine  eile  coltach 
rium  fhein  leis  am  bu  mhaith.  fios  a  bhi 
aca  am  bheil  an  Spiorad  Naomh  ag  oibreaeh- 
adh  'n  am  beatha.  An  uair  a  thoisicheas 
duine  air  bruidhinn  mu  'n  Spiorad  Naomh 
bu  choir  dha  a  bhriathran  a  thomhas,  agus 
bruidhinn  gu  h-iriosal  agus  gu  samhach,  air 
eagal  gu  'n  abair  e  rud  nach  'eil  barantas 
aige  air  a  shon  as  a'  Bhiobull  no  o  fhiosrach- 
adh  fhein.  Agus  bu  choir  dha  a  chuimh- 
neachadh  cuideachd  cho  aineolach  's  a  tha 
e  fhein  ann  an  nithean  na  beatha  dhiadhaidh, 
cho  aineolach  ri  paisde  nach  'eil  ach  air 
toiseachadh  air  an  A. B.C. 

Bha  raise  air  mo  chur  air  leth  gu  obair 
na  ministrealachd  gun  eolas  air  bith  agam 
mu  'n  Spiorad  Naomh  ach  na  fhuair  mi  o 
m'  mhathair,  agus  o  bheagan  a  leugh  mi 
uime  ann  an  leabhraichean.  Anns  an  eaglais 
bhithinn  a'  cluinntinn  an  fhacail  "  an  Spiorad 
Naomh  "  bitheanta  gu  leoir,  ach  cha  chuala 
mi  riamh  searmon  no  teagasg  uime,  agus 
cha  chuala  mi  guth  idir  air  an  Oilthigh 
Dhtm-eideann  no  an  Talla  na  Diadhachd. 

Ach  bha  mi  a'  creidsinn  a'  Bhiobuill,  agus 
a'  creidsinn  gu  'n  d'  thug  Dia  tiodhlac  an 
Spioraid  do  'n  eaglais  chum  an  f  hoUlseachaidh 
a  rinn  e  air  fhein  a  dheanamh  soilleir  agus 
eifeachdach  do  chreidmhich,  agus  mar  sin 
bhithinn  ag  iirnuigh  gu  'n  tugadh  Dia  dhomh 
an  Spiorad  Naomh,  chum  agus  gu  'm 
fasainn  fhein  ann  an  eolas  air  Criosd  mar  mo 
Shlanuighear,  agus  ann  an  tuigse  air  nithean 
na  beatha  spioradail,  agus  gu  'm  biodh 
comas  agus  misneach  agam  daoine  eile  a 
theagasg.  A  mach  o  iirnuigh  cha  robh 
cuspair  eile  a  bhuineadh  do  'n  diadhaidh- 
eachd  a  bha  cho  trie  'n  am  smuaintean  an 
ceud  laithean  mo  mhinistrealachd  ris  an 
Spiorad  Naomh,  ach  an  ceann  bhliadh- 
nachan  leig  mi  dhiom  a  bhi  riasladh  m' 
inntinn  le  bhi  smuaineachadh  uime  mar 
Phearsa  anns  an  Trianaid,  co-ionnan  ri  Dia 
agus  ri  Criosd,  ach  dealaichte  bho  'n  Athair 
agus  o  'n  Mhac,  agus  chuir  mi  romham  nach 
robh  gnothuch  agam  ris  an  diomhaireachd 
sin,  agus  gu  'n  gabhainn  rithe  air  iighdarras 


na  h-eaglais  agus  nan  naomh.  Ou'm  V  e  mo 
ghnothuch-sa  a  bhi  sealltuinn  air  Criosd  agus 
ri  Criosd  anns  am  bheil  an  soisgeul  agus  uile 
bheannachdan  an  t-soisgeil  air  an  tasgadh 
suas,  'n  a  theagasg,  'n  a  bheatha,  'n  a  bhds, 
agus  'n  a  aiseirigh,  nithean  fior  agus  dearbhta 
air  am  V  urrainn  m'  inntinn  agus  mo  chreid- 
eamh   greimeachadh. 

A  mach  o  Chriosd  agus  o  Fhacal  Dhe  chan 
'eil  dad  aig  an  Spiorad  Naomh  ri  rkdh  ruinn 
no  ri  theagasg  dhuinn.  "  Cha  labhair  e 
uaith  fein  ;  bheir  e  gloir  dhomhsa  ;  gabhaidh 
e  de  mo  chuid-sa,  agus  nochdaidh  e  dhuibhse 
e."  Tha  e  furasda  gu  leoir  dhuinn  a  dhean- 
amh a  mach  an  ann  o  'n  Spiorad  Naomh  a 
tha  sud  no  so,  no  o  bheachdan  dhaoine. 
Mur  bheil  e  a  reir  facal  Dhe  chan  ann  o  'n 
Spiorad  Naomh  a  tha  e. 

Ciamar  a  dh'  fhaodas  duine  dearbhachd  a 
bhi  aige  gu'n  d'  fhuair  e  an  Spiorad  Naomh  1 
Chan  'eil  ach  aon  doigh  air  a  bhi  cinnteach, 
toradh  an  Spioraid  a  bhi  air  fhaicinn  'n  ar 
beatha,—  gradh,  aoibhneas,  sith,  fad-fhulang- 
as,  caomhalachd,  maitheas,  creideamh,  ma- 
cantas,  stuaim. 

Cha  do  thuig  mi  riamh  car  son  a  tha  an 
Tiomnadh  Nuadh'  a'  ceangal  teachd  an 
Spioraid  ri  la  sonruichte,  no  'g  a  dheanamh 
'n  a  rud  mor  agus  faicsinneach,  labhrach 
agus  miorbhuileach,  oir  cha  b'  ann  mar  sin 
a  thainig  Criosd.  Th^inig  esan  mar  naoidh- 
ean  gu  samhach  agus  gun  fhios  do  'n  t- 
saoghal,  agus  bha  e  suas  ri  deich  bliadhna 
fichead  anns  an  t-saoghal  m'  an  robh  fhios 
aig  an  t-saoghal  gu  robh  e  ann.  Sin  mar 
bha  Solus  an  t-saoghail,  seimh  agus  samhach 
'n  a  theachd  agus  'n  a  obair,  agus  sin  mar 
tha  teachd  an  Spioraid  do  'n  anam  a  tha 
e  a'  soillseachadh,  agus  anns  a  bheil  a 
chomhnuidh  aige.  Ach  ged  thainig  Criosd 
mar  naoidhean  dh'  fhas  e  ann  an  neart  agus 
ann  an  cumhachd  gus  an  d'  thug  an  saoghal 
fanear  gu  robh  Righ  iir  agus  rioghachd  ur 
'n  am  measg. 

Ar  leam  gur  ann  mar  sin  a  tha  an  Spiorad 
Naomh  'n  ia  theachd,  a'  tighinn  cho  seimh 
agus  cho  samhach  's  nach  'eil  fhios  againn 
gu  bheil  e  annainn,  gus  an  toir  sinn  an  aire 
gu  bheil  caU  ur  againn  do  nithean  sonruichte, 
do  Dhia  agus  d'  a  Fhacal,  do  Chriosd  agus  d' 
a  thoil  agu§  d'  a  shoisgeul     Agus  far  am  bi 


2 


ANNS  A'  CHATHAIR 


sin  bithidb.  gach  deagh  thoradh  eile  ouid- 
eachd,  ach  ma  bhitheas,  chan  ann  dha  fhein 
a  bheir  an  creidmheach  cliu  agus  moladh. 

Tha  e  n^durra  do  dhaoine  a  bhi  toilichte 
leo  fhein  agus  a  bhi  mor  asda  fhein  ma  tha 
iad  a'  seasamh  leth  an  oirHch  ds  cionn 
dhaoine  eile  a  thaobh  eolais,  no  eud,  no 
maitheis,  ach  ma  gheibh  thu  annad  fhein 
eadhon  freunih  beag  de  'n  fhaireachduin 
sin,  no  de  'n  fhein-fhireantachd  sin,  faodaidh 
tu  a  bhi  cinnteach  nach  ann  o  'n  Spiorad 
Naomh  a  tha  e. 

Chan  e  an  Spiorad  Naomh  an  aon  spiorad 
a  tha  a'  labhairt  ri  anamaibh  dhaoine. 
Tha  droch  spioradan  ag  iadhadh  umainn 
gun  sgur,  seimh  agus  samhach  'n  an  teachd, 
ann  an  riochd  ainglean  soluis.  Tha  e  'n 
a  chomharradh  gu  bheil  duine  a'  fas  agus 
a'  dol  air  aghaidh  anns  a'  bheatha  dhiadhaidh 
ma  dh'  aithnicheas  e  gu  luath  gne  nan 
spioradan  a  tha  a'  cur  sud  no  so  'n  a  cheann. 
Cha  d'  aithnich  Seumas  no  Eoin  gne  an 
spioraid  a  thug  orra  iarraidh  air  Criosd 
baile  Samaritanach  a  sgrios  le  teine.  Ach 
dh'  aithnich  esan  e,  agus  thubhairt  e  riu, 
"  Chan  'eil  fhios  agaibh  ciod  a'  ghne  spioraid 
d'  am  bheil  sibh."  Cha  robh  fhios  aca,  oir 
bha  iad  an  duil  gur  e  a  cheart  eud  diadhaidh 
a  bha  ann  an  cridhe  an  fhaidh  Eliah  a  bha 
'n  an  cridheachan,  ged  is  e  fuath  agus 
gamhlas  d'  an  coimhearsnaich,  na  Samaritan- 
aich,  a  bha  ann  fad  na  h-uine. 

Is  e  an  comharradh  as  cinntiche  gur  ann 
o  Dhia  a  tha  spiorad  air  bith,  gur  spiorad 
gr^idh  e,  blath  agus  coibhneil  agus  faidh- 
idinneach.  Chan  urrainn  spiorad  a  bhi 
naomh  mur  bheil  e  gradhach.  Air  uairean 
fo  ainm  no  fo  chleoca  ceartais  eiridh  smuain- 


tean  'n  ar  cridheachan  mu  dhaoine  eile 
coltach  ris  na  smuaintean  a  dh'  eirich  ann 
an  cridheachan  Sheumais  agus  Eoin,  agus 
theagamh  gu  'm  fireanaich  sinn  sinn  fhein 
le  rannan  agus  briathran  as  a'  Bhiobull, 
a'  saoUsinn  gur  e  an  Spiorad  Naomh  a  thug 
gu  'r  cuimhne  iad,  agus  gu  bheil  e  a'  labhairt 
ruinn  annta,  ach  sin  a  cheart  am  anns  a 
bheil  Criosd  'g  ar  dearbhadh  le  teine. 

"  A  mhuinntir  ionmhuinn,"  ars  an  t- 
abstol  Eoin,  "  na  creidibh  gach  uile  spiorad, 
ach  dearbhaibh  na  spioradan,  an  ann  o  Dhia 
a  tha  iad  :  do  bhrigh  gu  bheil  moran  fhaidh- 
ean  breige  air  dol  a  mach  do  'n  t-saoghal." 

Gun  teagamh  tha  moran  fhaidhean  a' 
togail  an  guth  an  diugh,  a'  teagasg  bheachdan 
ura  agus  soisgeul  iir,  ach  chan  'eil  e  idir 
duilich  dearbhadh  a  chur  orra.  So  na 
dearbhaidhean  a  sheasas  gu  br^th. 

(1)  A  bheil  iad  ag  aideachadh  gu  'n  d' 
thainig  losa  Criosd  's  an  f heoil  ? 
Mur  bheil,  chan  ann  o  Dhia  a  tha 
iad. 

(2)  A  bheil  iad  a'  glorachadh  Chriosd, 
agus  'g  a  chur  anns  an  kite  anns  an 
do  chuir  Dia  e,  aig  a  dheas  laimh 
fein  ?  Mur  bheil,  chan  ann  o  Dhia 
a  tha  iad,  oir  is  e  roinn  a  dh'  obair 
an  Spioraid  Naoimh  gloir  a  thoirt 
do  Chriosd. 

Teagasg  air  bith  a  th-a  a'  lughdachadh, 
no  a  foluch  gloir  Chriosd,  maise  dhaonnachd 
agus  cumhachd  a  Dhiadhachd,  chan  ann  o 
'n  Spiorad  Naomh  a  tha  e,  oir  is  e  obair  an 
Spioraid  suilean  dhaoine  fhosgladh  chum 
's  gu  'm  faic  iad  am  peacadh  agus  an  cionta 
fein,  agus  gradh  siorruidh  Dhe  ann  an 
aodann  a  Mhic, 


Anns  a'  Chathair 


AIR  uairean  bithidh  mi  a'  feuchainn  ri 
fhaotainn  a  mach  ciod  an  seorsa  leabh- 
raichean  a  bhiodh  na  ceud  chreidmhich  a' 
leughadh,  na  creidmhich  a  bha  beo  anns  an 
linn  an  deidh  nan  abstol.  Ach  chan  'eil 
sin  furasda  fhaotainn  a  mach  a  chionn  nach 
b'  fhiach  le  seana  luchd-eachdraidh  iomradh 
a  dheanamh  air  daoine  beaga,  no  air  daoine 
cumanta  ;  b'  ann  ri  righrean  agus  ri  daoine 
ainmeil  a  mh^in  a  bha  an  gnothuch.  A 
thaobh  mor-chuideachd  an  t-sluaigh  chan 
'eil  dad  aca  ri  innseadh,  co  dhiubh  ach  gle 
bheag. 

Ann  an  te  de  na  h-eaglaisean  Criosduidh 
anns  a'  cheud  linn  gheibheadh  tu  ludhaich 
agus  Greugaich  agus  Romanaich,  agus  seor- 
sachan  eile  de  chaochia  duthchais  as  gach 


tir  mu  chladaichean  na  Mara-meadhonaich  ; 
cuid  dhiubh  aig  an  robh  beagan  sgoile  agus 
cuid  dhiubh  a  bha  air  an  deagh  dhoigh  agus 
cuid  eile  a  bha  air  an  deirc  gun  dol  dhi ; 
maighstirean  agus  seirbhisich  no  traiUean, — 
agus  iad  uile  air  an  cumail  ann  an  co- 
chomunn  fi  cheile  le  dochas  a'  Chreidimh, 
agus  leis  a  bhr^thraicheas  a  bha  air  a 
dhtisgadh  'n  an  cridhe  leis  na  deuchainnean 
agus  a'  gheur-leanmhuinn  a  bha  iad  a' 
fulang.  ' 

An  uair  a  bha  iad  ag  aoradh  do  dhiathan 
nan  cinneach  bha  iad  a'  faotainn  toil-inntinn 
anns  na  cuirmean  a  bhiodh  aca  comhla  an 
drasd  's  a  ris,  ach  ged  bha  an  solas  sin  air  a 
thoirt  bhuapa  an  uair  a  dh'  aidich  iad 
Criosd,  fhuair  iad  sdlas  iir  ann  am  briseadh 


ANNS  A'  CHATHAIR 


an  arain  an  companas  am  br^ithrean  air 
1^  an  Tighearn.  Aon  uair  d'  am  beatha 
bhiodh  iad  a'  leughadh,  no  ag  aithris,  no  a' 
seiim,  orain  agus  b^rdachd  chinneachail  anns 
an  robh  air  uairean  faoineas,  agus  draosdachd, 
ach  ma  bha  e  air  iarraidh,  orra  a'  bhardachd 
agus  na  h-6rain  sin  a'  leigeil  seachad,  bha 
gu  leoir  de  naidheachdan  inntinneach.  agus 
iongantach  mu  Chriosd  agus  mu  na  h-abstoil 
a  dh'  fhaodadh  iad  a'  leughadh,  oir  bha  cuid 
mhaith  de  leabhraichean  air  an  sgriobhadh 
m'  an  ^m  ud,  a  shasuchadh  an  iarrtuis  a 
tha  ann  an  cridhe  dhaoine  gu  nadurra  air 
sgeulachd    a    chluinntinn. 

Pol  agus  Thecla 

Bhiodh  litrichean  Phoil  air  an  leughadh 
anns  an  eaglais  (an  tigh  anns  an  cruinnich- 
eadh  na  br^ithrean)  agus  cuid  de  theagasg 
Chriosd  a  bha  air  a  chur  sios  air  duilleagan 
m'  an  robh  na  soisgeulan  air  an  cur  ri  cheile, 
ach  a  thuilleadh  air  na  sgriobturan  a  bha 
air  an  leughadh  gu  foUaiseach  bha  cuid 
mhaith  de  leabhraichean  laghach,  leanabail, 
mu  Chriosd  a  bhiodh  creidmhich  a  leughadh 
d'  a  cheile  le  mor-thlachd  'n  an  tighean 
f hein ;  Soisgeul  Nicodemuis ;  Taisbeanadh 
Pheadair ;  Litir  Bharnabais ;  Buachaille 
Hermais  ;  An  da  shlighe,  agus  Gniomharan 
Phoil  agus   Thecla. 

Bha  na  ceud  Chriosduidhean  cho  gaolach 
air  sgeulachd  Phoil  agus  Thecla  's  a  bha 
muinntir  na  h-Alba  air  leabhraichean  Bhal- 
tair  Scott,  no  Anna  S.  Swan,  no  R.  L. 
Stevenson. 

An  uair  a  rainig  Pol  agus  Barnabas 
Iconium,  agus  a  fhuair  iad  aoigheachd  ann 
an  tigh  araidh,  bha  tigh  mor  m'  a  choinneamh 
air  taobh  eile  na  sraide  anns  an  robh  aon  de 
mhaithean  a'  bhaile  a  chomhnuidh,  athair 
Thecla  a  bha  fo  ghealladh  posaidh  aig 
Thamyris,  duine  6g  nach  robh  idir  fo  chliu 
maith. 

L4  a  bha  an  nighean  6g  so,  Thecla,  'n 
a  suidhe  aig  an  uinneig,  agus  an  uinneag 
fosgaUte,  chual  i  guth  duine  o  'n  tigh  a  bha 
air  taobh  eile  na  sraide  mar  gu  'm  biodh 
e  a'  teagasg  no  a'  searmonachadh.  Mar  a 
b'  fhaide  a  dh'  eisd  i  ris,  is  ann  bu  mhotha 
a  drixidh  a  theagasg  oirre,  gus  mu  dheireadh 
nach  b'  urrainn  dhi  an  uinneag  fhagail.  Ma 
ghlaodhadh  a  mathair  rithe  gu  robh  an 
dinnear  deas,  no  gu  robh  Thamyris  air  son  a 
faicinn,  cha  leigeadh  i  oirre  gu  robh  i  'g  a 
cluinnthm  ;  bha  a  h-aire  uile  air  an  fhear 
a  bha  a'  teagasg  air  taobh  eUe  na  sraide. 

Cha  robh  a  h-athair  no  a  mathair  toilichte, 
no  idir  idir  Thamyris,  agus  air  dhaibh  a 
chluinntinn  gur  e  Pol  a  bha  a'  teagasg,  agus 
gu  robh  uiread  gr^in  aig  na  h-Iudhaich  air 


's  a  bha  aca  fhein,  chuir  iad  romhpa  gu  'm 
feu6hadh  iad  ri  chur  as  an  rathad. 

Mar  sin  dh'  aontaich  iad  fhein  agus  na 
h-Iudhaich  gu  'n  deanadh  iad  gearan  ri 
seanairean  a'  bhaile  uime,  agus  gu  'n  abradh 
iad  gu  robh  a  theagasg  a'  deanamh  aimhreit 
am  measg  theaghlaichean,  agus  a'  deanamh 
cloinne  eas-umhail  d'  am  p^rantan. 

Anns  a'  phriosan 

An  uair  a  chuala  Thecla  gu  robh  Pol 
air  a  chur  do  'n  phriosan  bha  i  anabarrach 
duilich,  oir  bha  amharus  aice  gur  ann  le 
foill  a  chuireadh  ann  e,  agus  chuir  i  roimhpe 
dol  'g  a  fhaicinn  anns  a'  phriosan,  a  dh' 
innseadh  dha  gu  robh  naimhdean  aige  anns 
a'  bhaile,  agus  a  dh'  iarraidh  air  tuilleadh 
soluis  agus  treorachaidh  a  thoirt  dhi  a  thaobh 
nam  puingean  air  an  robh  e  a'  labhairt.  Ach 
cha  robh  e  furasda  dhi  Pol  fhaicinn,  oir  cha 
leigeadh  a  mathair  as  a  sealladh  i  aon 
mhionaid. 

Ach  air  a'  cheann  mu  dheireadh  fhuair  i 
cothrom  air  teicheadh  o  chiobaireachd  a 
mathar,  agus  seanchas  a  bhi  aice  ri  Pol 
anns  a'  phriosan,  agus  dh'  iarr  i  air  a  bais- 
teadh.  Thubhairt  e  rithe  nach  baisteadh 
e  i  gun  chead  a  parantan,  agus  gu  'm  b'  e  a 
chomhairle  dhi  leantuinn  oirre  ag  earbsadh 
anns  an  Tighearn  losa  gus  am  fosgladh 
Dia  an  rathad  roimhpe. 
•  Sin  mar  bha.  An  ceann  beagan  uine  bha 
Pol  air  a  leigeil  mu  reir,  oir  cha  d'  fhuaireadh 
ciontach  e  anns  an  ni  a  chuir  na  h-Iudhaich 
as  a  leth,  agus  lean  e  fhein  agus  Barnabas 
ofta,  a'  searmonachadh  Chriosd  ann  an 
Iconium.  Bha  uiread  dhaoine  air  an  iom- 
pachadh  ann  an'  Iconium  's  gu  'n  deachaidh 
na  h-Iudhaich  air  an  dearg  chuthach  a  ris, 
agus  air  eagal  gu  'm  biodh  iad  air  an  clachadh 
theich  Pol  agus  Barnabas  as  a'  bhaile,  is 
chaidh  iad  gu  Lystra  agus  Derbe. 

Cha  robh  sith  no  sonas  aig  Thecla  anns 
na  laithean  ud.  Bha  a  mathair  an  sas  innte 
gun  sgur,  ag  iarraidh  oirre  Thamyris  a 
phosadh,  ach  b'  fhearr  leatha  a  bhi  air  a 
bathadh  seach  a  bhi  air  a  ceangal  ri  duine 
air  nach  robh  meas  no  gaol  aice,  agus  duine 
a  bhiodh  a'  magadh  air  Pol  agus  air  a 
theagasg. 

Air  faondradh 

An  uair  a  dh'  fhairtlich  e  air  a  parantan 
a  toil  a  Itibadh  gu  posadh,  no  teagasg  Phoil 
a  chur  as  a  ceann,  thug  iad  gu  maoir  a' 
bhaile  i,  an  dochas  gu  'n  cronaicheadh  iad  i, 
agus  gu  'n  cuireadh  iad  eagal  oirre.  Ach 
cha  do  striochd  sin  i ;  a'  cheud  chothrom  a 
fhuair  i  theich  i  a  tigh  a  h-athar,  gun  fhios 
aice  e'  aite  an  rachadh  i.  Shiubhail  i  shios 
is  shuas,  an  dochas  gu  'n  tachradh  Pol  rithe, 


CUNNARTAN  NA  SABAID 


iim  fear-teagaisg  a  d]i.'  i'liosgail  saogjial  in- 
dhi,  agus  gu  'm  baisteadh  e  i  mar  aon  de 
luchd-aideachaidh.    Chriosd. 

Mu  dheireadh  rainig  i  Antioch,  aig  an 
dearbh  am  arms  an  robh  Ard-riaghlair  nan 
criochan  ud  air  teachd  do  'n  bbaile.  Bha 
na  sraidean  dumhail  leis  na  chruinnich  de 
shluagh  mar  urram  do  'n  Ard-riaghlair. 
Bha  Thecla  a'  cumail  suil  feuch  am  faiceadh 
i  Pol,  agus  gun  fhios  dhi,  chuir  i  moille  air 
Ard-shagairt  na  Feille  a  bha  ri  bhi  ann  ann 
an  la  no  dha.  Labhair  e  rithe  gu  cas  agus 
gu  miomhail,  agus  'g  a  dion  fhein,  rug  i  air 
a'  choron  a  bha  air  a  cheann  agus  thug  i 
dheth  e  'n  a  stiallan.  Bha  sud  'n  a  ghniomh 
toibheumach  an  suUean  an  t-sluaigh,  agus 
'n  a  thamailt  do  'n  lompaire,  coron  an  ard- 
shagairt  a  bhi  air  a  spionadh  bharr  a  chinn, 
agus  bha  Thecla  air  a  cur  an  sas  a  dh'  aon 
ruith  agus  air  a  cur  do  'n  phriosan. 

Bha  cuid  de  na  chunnaic  ciod  a  thachair 
duilich  air  a  son,  gu  sonruichte  bean-uasal 
d'  am  b'  ainm  Tryphaena,  a  chaidh  an  urras 
oirre  gu  'n  seasadh  i  Mod  uair  air  bith  a 
bhiodh  i  air  a  gairm.  Gus  an  naidheachd 
a  ghiorrachadh  b'  e  binn  na  cuirte  gu  'm 
biodh  Thecla  air  a  tilgeadh  am  measg  nam 
beathaichean  fiadhaich  am  Fang-na-Cluiche 
am  fianuis  an  t-sluaigh.  Chuir  i  seachad 
an  oidhche  mu  dheireadh  air  thalamh 
comhla  ris  a'  mhnaoi-uasail  chaomh  Banrigh 
Tryphaena  a  bha  dhi  mar  mhatahir. 

Na  fiadh-bheathaichean 

Chuir  e  ionghnadh  nach  bu  bheag  air  an 
t-sluagh  an  uair  a  chunnaic  iad  a'  Bhanrigh 
a'  dol  a  steach  do  Fhang-na-Cluiche,  agus 
Thecla  air  laimh  aice,  agus  bha  eagal  air 
cuid    dhiubh    (daoine    borb    aig    an    robh 


(M'idheachan  cruaidh)  gu  'ni  biodli  maitli- 
eanas  air  a  thoirt  do  Thecla,  agus  gu  'n 
caUleadh  iad  an  dibhearsain  a  thainig  iad 
a  dh'  fhaicinn,  co-chreutair  beo  air  a  reubadh 
le   fiadh-bheathaichean. 

Ach  cha  d'  fhuair  Thecla  maitheanas.  An 
uair  a  cheangail  iad  ris  na  puist  i,  rinn  i 
iirnuigh.  Mo  Thighearn  agus  mo  Dhia,  athair 
ar  Tighearn  losa  Criosd,  is  tusa  fear- 
cuideachaidh  nan  truaghan,  agus  companach 
nam  bochd.  Amhairc  ormsa  agus  air  mo 
naire  an  lathair  an  t-sluiagh  so  uile  ;  amhairc 
air  do  bhan-sheirbhiseach  an  uair  a  h- 
digin. . 

An  sin  chunnaic  an  sluagh  sealladh  a  b' 
iongantaiche  leo  na  Tryphaena  a'  dol  a 
steach  do  'n  Fhang  le  Thecla  ;  chunnaic 
iad  an  leomhann  a  leum  chuice  gus  a  reubadh, 
— ^chunnaic  iad  i  a'  stad  agus  a'  toiseachadh 
air  a  lamh  imlich.  Ghabh  Ard-Shagart  na 
Feille  an  fhearg,  agus  dh'  iarr  e  air  na  gillean- 
frithealaidh  math-ghamhuinn  a  leigeil  a 
steach,  agus  mur  deanadh  esan  an  gnothuch, 
tairbh  a'  chuthach  a  leigeil  a  steach,  ach  rinn 
am  math-ghamhuinn  a'  cheart  rud  a  rinn 
an  leomhann  ;  cha  do  bhean  e  rithe.  An 
uair  a  chunnaic  ceannard  mor  na  Feille  so, 
dh'  atharraich  e  port,  dh'  iarr  e  na  tairbh 
a  chumail  a  mach,  agus  dh'  iarr  e  air  na 
gillean-tharbh  a  saorsa  a  thoirt  do  Thecla. 

Thug  Banrigh  Tryphaena  leatha  dhachaidh 
i,  agus  is  e  deireadh  na  naidheachd  gu  'n 
do  chreid  i  fhein  agus  a  tigh  uile  anns  an 
Tighearna  losa  Criosd. 

Sin  te  de  na  sgeulachdan  beaga  laghach 
a  bu  toigh  leis  na  ceud  chfeidmhich  a  bhi 
a'  leughadh  ;  sgeulachdan  gun  gho  a  bhiodh 
seanairean  aosmhor  liath  ag  innseadh  d' 
an  oghachan. 


Cunnartan  na  Sabaid 


AIR  an  treas  Sabaid  de  lanuari  am  bliadhna 
bha  na  rathaidean  an  CUle-sgumain  cho 
sleamhuinn  ri  gloine,  agus  mar  bha  an 
tubaist  's  an  dan,  thuit  Ealasaid  Choinnich 
is  shioch  i  a  cas,  agus  i  a'  dol  do  'n  eaglais. 
Naidheachd  mhor  ann  am  baile  beag  ;  agus 
fad  seachduin  an  deidh  do  'n  driodfhortan 
ud  tachairt  dhi  thadhaill  barrachd  dhaoine 
air  Ealasaid  na  thadhaill  oirre  riamh  roimh. 
"  Bha  mi  an  sud,"  ars  ise,  "  'n  am  shineadh 
air  beingidh,  mar  gu  'm  biodh  banrigh  Sheba, 
agus  daoine  a'  tighinn  'g  am  fhaicinn  nach 
tigeadh  'g  am  fhaicinn  idir  na  'm  b'  ann 
Di-luain  no  Di-haoine  a  shioch  mi  mo 
chas." 


Chaidh  am  ministear  agus  cuid  de  na 
foirbhich  agus  moran  eile  de  dhilsean  a' 
choimhthionail  'g  a  h-amharc,  ach  a  thaobh 
's  nach  robh  dad  aca-san  ri  radh  ach  gu  'n 
robh  iad  duilich  air  son  mar  thachair  dhi, 
ach  toilichte  nach  d'  eirich  na  bu  mhiosa 
dhi,  cha  ruig  mi  leas  an  corr  a  radh  umpa- 
san. 

Ach  chaidh  daoine  eile  nach  biodh  a'  dol 
do  'n  eaglais  idir  a  dh'  fhaicinn  Ealasaid 
cuideachd,  agus  bha  de  naidheachdan  aca 
dhi  m\i  chunnartan  na  'Sabaid  's  gu  'n 
saoileadh  tu  gur  e  ionghnadh  a  bha  ann  gu 
'n  robh  gin  idir  beo  de  na  daoine  a  bhios  a' 
dol  do  'n  eaglais. 


OUNNARTAN  NA  SABATD 


Oidhclie  a  bha  coig  jio  sia  dhiubli  air 
tadhall  air  Ealasaid  aig  an  aon  am,  thubhairt 
Padraig  Crerar,  "  Nach  tusa,  Ealasaid,  nach 
robh  ag  iarraidh,  Nl-maith  an  uair  a  smu- 
ainich  thu  air  dol  do  'n  eaglais  air  a  leithid 
de  la!  " 

"0,  bhroinein,"  ars  ise,  "  's  ann  'g  a 
iarraidh  a  bha  mi  a'  dol  innte." 

Ghabh  Padraig  athadh  beag,  agus  fhre- 
agair  e  gu  cabhagach,  "  O,  chan  e  sin  a 
bha  mi  a'  ciallachadh  idir ;  's  e  bha  mi 
a'  ciallachadh  gu  bheil  e  fiadhaich  cunnar- 
tach  do  dhuine  dol  a  mach  as  an  tigh  an 
uair  a  tha  na  rathaidean  sleamhuinn,  gu 
sonruichte  'nuair  nach  'eil  aobhar  aige  a 
bheatha  a  chur  an  cunnart." 

"  Tha  sin  gle  fhior,"  arsa  bean  Eachainn 
(boirionnach  laidir  dreachmhor  air  an  d' 
thug  an  oigridh  an  t-ainm  "An  Delphic 
Oracle  ").  "  Tha  cuimhne  agam  gu  'm 
biodh  mo  sheanair  ag  radh  gur  maith 
a  h-uile  rud  ach  am  bas,  agus  bhiodh  e 
ag  radh  cuideachd  nach  tig  am  bas  air 
duine  ach  aon  uair,  agus  gur  ann  anns  an 
fheasgar  as  trice  a  thig  e,  co  dhiubh  a  tha 
ann  caitheamh  no  cancer.  Is  ann  aig  uair 
's  a'  mhaduinn  a  shiubhail  e  fhein  ;  duine 
naomh  agus  beannaichte  a  bhiodh  a'  leughadh 
dhuinn  as  a'  Bhiobull  "  Seachainn  an  t- 
olc  agus  seachnaidh  an  t-olc  thu." 

Air  an  deigh 

Chuir  so  car  tir  ann  an  seanchas  na  cuid- 
eachd, oir  cha  robh  gin  aca  cianteach  ciod 
a  bha  bean  Eachainn  a'  ciallachadh,  agus 
mar  sin  fhuair  Seumas  Mac  Ghill-eathain 
cothrom  air  fhoighneachd  de  Phadraig  Crerar 
ciamar  a  chaidh  dha  aig  a'  chr61a,ireachd 
(curling)  Di-luain.  "  Chaidh  gu  maith," 
arsa  Padraig,  agus  sunnd  a'  tighinn  air, 
a  bhruidhinn  air  cuspair  inntinneach  agus 
beo,  "  bha  latha  mor  againn  ah  an  deigh  o 
aon  uair  deug  gu  coig  uairean.  Bha  an 
deigh  cho  lom  sleamhuinn  's  gu  'n  ruidhleadh 
tu  ubh  tuinneig  oirre  gun  a  bhriseadh,  agus 
lean  sinn  oirnn  cho  fada  's  gu  'm  b'  fheudar 
dhuinn  solus  lanntair  a  bhi  againn  air  an  da 
chuairt  mu  dheireadh." 

"  Bha  Di-luain,"  ars  Ealasaid,  "  na  b' 
fhuaire  agus  na  bu  chruaidhe  na  la  na 
Sabaid  ;  shaoUinn  gu  'm  biodh  e  cho  cunnar- 
tach  dol  a  chroUigeadh  ri  dol  do  'n  eaglais." 

"  Fuich,  fuich,"  arsa  Padraig,  "  chan 
ionnan  an  da  rud  idir  ;  an  uair  a  bhios  mi 
a'  dol  a  chroUigeadh  tha  sprachd  'n  am 
iosgaidean  agus  speirid  'n  am  inntinn  a 
chumas  blath  agus  siibailte  mi,  agus  faodaidh 
mi  gearradh  troimh  na  h-achaidhean  gun 
dol  air  an  rathad  mh6r  idir,  ma  thoilicheas 
mi.    Ach   ciod   a   theireadh   daoine   na    'm 


i'aiceadh  iad  mi  a'  gearradh  tromili  ach- 
aidhean  air  an  t-Sabaid,  a'  dol  do  'n  eaglais 
le  ceum  sunndach.  Shaoileadh  iad  gu  robh 
mi  as  mo  rian.  Agus  a  thuilleadh  air  sin 
tha  fiughair  aig  a'  Choirneal  gu  'm  bi  sinn 
uUe  air  an  loch  an  uair  a  bhios  deigh  air, 
agus  cha  bhiodh  e  modhail  dhuinn  gun  bhi 
ann.  Ach  cha  ruig  thu  leas  dol  do  'n 
eaglais,  mux  togair  thu.  Fuich,  fuich,  chan 
ionnan  an  da  rud  idir  ;  tha  fhios  aig  a  h- 
uile  duine  d'  an  aithne  reusonachadh  nach 
ionnan.  Abradh  daoine  eile  an  roghainn  tha 
e  cho  soilleir  dhomhsa  ri  A. B.C.  nach  'eil 
e  sabhailte  do  dhaoine  dol  do'n  eaglais 
anns  na  laithean  so  leis  na  cunnartan  a 
tha  air  na  rathaidean." 

"  Is  tusa  a  tha  ag  radh  na  firinn,"  arsa 
fear  eile,  "  dh'  fhaodadh  fichead  rud  tachairt 
dhuit  eadar  t'  fhalbh  agus  do  thighinn 
dhachaidh."  Dh'  fhaodadh  tu  a  bhi  aif  do 
mharbhadh  gun  sgrid  le  fear  de  na  carbadan- 
airm  anns  am  bi  na  saighdearan  Polach  a' 
reiseadh  air  na  rathaidean,  a'  cur  dhaoine  a 
cochuU  a'  chridhe.  Na  'm  b'  e  la  na  Sabaid 
a  bha  ann,  no  na  'n  robh  grunnan  de  'n 
choimhthional  air  an  dxochaid,  an  la  a  leag 
na  Polaich  na  ballachan,  agus  a  chaidh  iad 
an  coinneamh  an  cinn  thairis  oirre,  c'  kite 
am  bitheadh  iad  ?  " 

"  0,  bhroinein"  ars  Ealasaid,  "  nach  'eil 
fhios  gu  'm  bitheadh  anns  an  t-siorruidh- 
eachd!  " 

Chuir  so  soluimteachd  orra  uile,  is  bha 
iad  'n  an  tosd  mionaid  no  dha,  gus  an  do 
thoisich  Padraig  Crerar  a  ris  ;  "  Bhithinn-sa 
anns  an  eaglais  a  h-uile  Sabaid,"  ars  esan, 
"  mur  bitheadh  gu  bheil  an  t-aite-suidhe 
againn  air  an  lobhta  cho  cunnartach  's  nach 
biodh  e  ceart  dhomh  a'  chlann  a  thoirt  ann. 
Tha  e  air  broilleach  na  lobhta,  agus  dh' 
fhaodadh  cuid  de  'n  chloinri  leum  no  tuiteam 
sios,  agus  an  cas  a  bhriseadh,  agus  ged  nach 
briseadh  iad  an  casan  idir,  dheanadh  an 
sgleog  a  bheireadh  iad  air  an  iirlar  a  leithid 
a  dh'  ub-ab  's  gu  'm  fosgladh  am  ministear 
a  shiiilean  am  meadhon  na  h-urnuigh,  agus 
an  sin  c'  aite  am  bithinn-sa  le  m'  naire  ?  " 

"  Tha  mise  gle  chinnteach,"  ars  Ealasaid, 
"  gu  'n  tugadh  am  ministear  agus  na  foir- 
bhich  suidheachan  eUe  dhuit  air  iirlar  na 
h-eaglais  far  nach  biodh  cunnart  do  'n 
chloinn." 

"  'S  e  daoine  gun  choguis  no  gun  trocair 
a  dh'  iarradh  ormsa  aite-suidhe  mo  shinnsir 
fh^gail ;  shuidh  m'  athair  agus  mo  sheanair 
agus  mo  dhaoine  uile  air  broilleach  na  lobhta, 
agus  ma  chuirear  as  mi,  ciil  mo  laimhe  ris 
an  eaglais  gu  br^th  tuilleadh.  Ach  tha  an 
eaglais  air  dol  do  thigh  na  dunaich  co- 
dhiubh.     Chan  'eil  eud  diadhaidh  am  minis- 


c 


FAS  AN  EOLAS  A  THOILE 


tearan  an  1^  diugh.  Tha  a  h-uile  ni  anns  an 
eaglais  cho  marbh  's  gu  'n  cuir  e  leann-dubh 
air  t'  inntinn  dol  innte  ;  duine  an  sud  's 
an  so  ann  an  eaglais  mhor  fharsuing,  agus 
cuimhne  agam-sa  air  i  bhi  Ian,  agus  m' 
athair  'g  ar  tarruing  leis  a  h-uile  Sabaid, 
fliueh  no  tioram,  co-dhiubh  a  bha  sinn  air 
son  dol  innte  no  nach  robh.  'S  fhearr  do 
dhuine  fantuinn  aig  an  tigh  agus  am  Biobull 
a  leughadh  dha  fhein  air  an  t-Sabaid  seach 
Pharasaich  na  sgire  a  bhi  spleuchadh  air, 
mar  a  spleuchd  iad  ormsa  an  la  a  chaidb  mi 
innte  o  chionn  choig  bliadhna.  An  uair  a 
chaidh  mi  steach  air  a'  gheata  thionndaidh 
fichead  duine  a  shealltuinn  orm  mar  gu  'n 
robh  iad  a'  faicinn  tamhaisg,  agus  thainig 
fear  de  na  foirbhich  a  nail  'g  am  f  hailteachadh, 
ag  radh  gU  robh  e  toilichte  m'  fhaicinn. 
An  e  sin  an  doigh  air  daoine  a  tharruing 
do  'n  eaglais  ?  Spleuchd  feadhainn  eile 
orm  an  uair  a  chaidh  mi  steach,  agus  an  uair 
a  thoisich  am  ministear  air  caibideal  a  leugh- 
adh a  soisgeul  Habacuc  thug  mi  an  aire  gu 
robh  tri  caileagan  anns  an  ath  shuidheachan 
a'  spleuchdadh  orm  feuch  an  d'  fhuair  mi 
an  t-aite.  Dh'  fhag  na  biastan  gun  liith 
gun  bhladh  mi.  Cha  do  rinn  am  ministear 
uiread  agus  sealltuirm  orm,  agus  cha  rachainn 
an  urras  gu  'm  faca  e  mi,  no  gu  robh  fhios 
aige  gu  robh  mi  anns  an  eaglais.  An  e 
sin  an  doigh  air  daoine   a  thaladh  do   'n 


eaglais  ?  Tha  mise  ag  r^dh  ribh  gu  robh 
mi  'g  am  fhaireachduin  fhein  cho  neonach 
an  la  ud,  agus  cho  mor  air  m'  aineol  's  gu 
'n  do  bhoidich  mi  gur  e  sud  an  uair  mu 
dheireadh  a  chitheadh  iad  mise  an  eaglais 
Chille-  sgumain . ' ' 

Labhair  Padraig  cho  laidir  's  nach  robh 
each  ro  thoilichte  dheth,  no  air  son  an 
seanchas  a  leantuinn,  oir  bha  eagal  orra  gu 
'n  goirticheadh  e  Ealasaid  agus  iad  a'  faicinn 
gu  robh  i  a'  fas  sgith.  Mar  sin  cha  d'  thuirt 
aon  aca  diog,  ach  a  mhain  bean  Eachainn, 
a  bha  eadar  a  bhi  'n  a  boirionnach-  coir 
agus  'n  a  glaoic.  "  Och,  och,  a  Phadraig 
eudail,  is  maith  a  ghleidh  thusa  a  bhoid  a 
rinn  thu,  agus  ma  gheibh  duine  do  neamh 
le  bold  mhi-naomh  a  chumail  bidh  tusa  am 
measg  nan  ainglean."  An  sin  thoisich  i 
air  aithris  gu  beag  rithe  fhein,  agus  i  a' 
turamaich  air  furm,  "  an  t-salm  a  bhiodh 
aig  mo  sheanair." 

Chladhaich  e  slochd  is  threachail  e, 

is  thuit  's  a'  chlais  a  rinn  ; 
Thig  aimhleas  air  a  chlaigeann  fein, 

is  fhoirneart  air  a  cheann. 

Am  bheil  aig  droch  dhaoin'  tuigs'  air  bith 

tha  'g  itheadh  suas  gu  dian 
Mo  phobuill-sa,  mar  aran  blasd', 

's  nach  'eil  a'  gairm  air  Dia. 


Fas  an  eblas  a  thoile 

Leis  an    Urramach  Calum  MacGilleaihain,  M.A. 


THA  e  fior  nach  tug  an  soisgeul  air  ball  a 
mach  anns  an  t-saoghal  gach  toradh  maith 
agus  coimhlionta  ;  agus  tha  e  coltach  gu 
leoir  gu  bheil  maitheasan  air  chtil  mhaitheasan 
gu  tighinn  fhathast  air  thailibh  Chriosd. 
Gheall  Criosd  a  spiorad  fein  gu  bhi  treorach- 
adh  dhaoine  chum  gach  uile  fhirinn,  agus 
eadhon  an  laithean  fheola  bha  nithean  aige 
ri  radh  ri  dheisciobuil  nach  tuigeadh  iadsan 
's  an  am,  ged  a  chanadh  e  iad.  Is  e  fear 
de  na  seana  Phiuritanaich  a  thuirt,  mu 
'n  bhliadhna  1620,  gu  'n  robh  e  creidsinn 
gu  'n  robh  an  tuilleadh  soluis  •  aig  Dia  ri 
lasadh  o  'n  Fhocal.  Agus,  a  thaobh  cuid 
de  nithean,  chi  sinn  an  eachdraidh,  mar  a 
thainig  leasachadh  air  ciiisean  ri  linn  an 
t-soisgeil,,  leasachadh  nach  robh  an  comh- 
nuidh  obann,  oir  cha  tainig  e  ach  a  lion  beag 
is  beag. 

Is  e  aon  de  na  nithean  a  bha  's  an  t-saoghal. 
roimh  linn  an  t-soisgeil  an  daorsa.  Chan 
'eil  lorg  air  de  cho  fada  air  ais  an  eachdraidh 
a'  chinne-daonna  agus  a  tha  tus  na  daorsa. 


Tha  e  dualach  gu  bheil  a  toiseach  a'  dol 
cho  fada  air  ais  ris  a'  pheacadh  's  an  fheoil. 
An  uair  a  gheibheadh  daoine  lamh-an- 
uachdar  air  an  comh-chreutairean,  gu  h- 
araid  an  cogadh,  dhaoradh  iad  na  creut- 
airean  sin,  agus  bhiodh  iad  aca  'n  an  traillean 
a  sin  a  mach.  Dheante  sin  le  iomadh  seorsa 
barrachd  is  smachd.  Is  e  sin  a  rug  air  clann 
Israel  's  an  Eiphit,  thainig  iad  gu  bhi  'n 
an  daor-thuath  's  an  tir.  Bha  iad  'n  an 
coir  agus  'n  an  creich  aig  na  h-Eiphitich, 
mar  a  bha  na  h-eich.  Agus  cha  b'  iad  na 
h-Eiphitich  a  mhain  aig  an  robh  an  cleach- 
dadh,  oir  b'  e  rian  an  t-saoghail  e. 

Is  i  an  Impireachd  Romanach  a  bha  an 
ceannas  agus  bha  i  Ian  de  dhaoine  a  chaidh  a 
dhaoradh,  agus,  mar  sin,  Ian  de  thraillean 
agus  de  thraiUealachd.  Agus  rinn  an  sois- 
geul ni  ur  a  chur  an  inntinnean  agus  an 
aignidhean  muinntir.  Anns  an  eaglais  is  e 
bha  's  an  traill  "  am  brathair  air  son  an  d' 
fhuair  Criosd  am  bas."  Chuir  sin  luach 
air  an  duine  bha  an  daorsa.     Ach  cha  do 


FAS  AN  EOLAS  A  THOILE 


chuir  sin  crioch  obarm  air  daorsa.  Tha 
fhios  againn  gu  'n  robh  daoine  an  Sasuinn 
seachd  ceud  deug  bliadbna  an  deidh  so  a' 
deanamh  fortain  air  a  bhi  ceannach  's  a  reic 
thraillean.  Ghlacadh  iad  le  l^mhachas- 
l^idir  agus  le  mealltaireachd  daoine  dubha 
bochda  na  h.-Afraic  agus  reiceadh  siad  iad 
an  America  far  am  biodh  iad  aig  Criosduidh- 
ean  eile,  le  Coir,  mar  bha  an  cuid  each. 

Is  ann  an  deidh  do  na  linntean  fada  sin 
a  dhol  tha  iris  a  thainig  e  gu  cridhe  dhaoine 
geala  gu  'n  robh  an  obair  so  calg-dhireach 
an  aghaidh  spiorad  na  f  irinn  agus  an  aghaidh 
inntinn  Chriosd.  An  uair  a  thoisich  daoine 
macanta  mar  sin  air  cainnt  is  air  sgriobhadh 
is  ann  a  rinneadh  amadain  dhiubh  air  ttis. 
Nach  robh  a  leithid  riamh  ann  ;  nach  robh 
e  ann  ri  linn  an  t-seann  Tiomnaidh,  agus 
ri  linn  an  Tiomnaidh  nuaidh  ;  nach  robh 
e  reir  facal  na  firinn,  nach  robh  scriobtur 
ann  air  a  shon  ;  an  robh  na  daoine  so  an 
dtiil  gu  'n  robh  iad  na  bu  ghlice  agus  na  bu 
Chriosdaile,  agus  na  b'  fhearr,  na  bha  daoine 
eile  ;  agus  moran  de  'n  t-seorsa  sin,  mar  a 
dh'  fhaodamaid  a  radh  ris,  "  an  seann 
phort!"  Ach  bha  teine,  nis,  air  fhadadh 
nach  gabhadh  muchadh,  agus  chaidh  an 
fhianuis  a  thoirt  air  sgath  na  firinn  agus  na 
fireantachd,  agus  chaidh  a'  chuid  a  bu 
shoilleire  de  'n  eaglais  a  mach  fo  bhratach 
agus  thuit  geatachan  ifrinn  leis  an  ionnsaigh 
a  thugadh  orra.  A  lion  beag  is  beag  thainig 
daoine  gu  bhi  tuigsinn  nach  robh  's  an 
traillealachd  ach  am  peacadh.  Is  iomadh 
ainm  mor  agus  urramach  air  an  cuimhnich 
neach  a  chuimhnicheas  air  mar  a  thachair. 
Faodaidh  sinn  dithis  ainmeachadh.  Is  e 
a'  cheud  fhear  Iain  Woolman.  Is  e  taillear 
a  bha  an  Iain  Woolman  ;  agus  bhuineadh 
e  do  'n  chuid  sin  de  'n  eaglais  fhaicsinnich 
aig  a  bheil  "  Na  Cairdean "  orra  fhein, 
agus  air  a  bheil  "  Na  Quakers  "  aig  daoine 
eile.  Chan  'eil  fhios  nach  'eil  ni  a  dhith 
air  "  Na  Cairdean  "  a  b'  fheairrd  iad  aca  ; 
ach  tha  aon  ni  mor  aca  dha  bheil  iad  a'  toirt 
a'  phriomh  aite  'n  an  aidmheil,  treoireachadh 
an  spioraid.  Tha  iad  a'  faotainn  solus,  tha 
iad  a'  leantuinn  an  t-soluis  ;  tha  iad  a' 
faotainn  dorus  fosgailte,  agus  air  an  dorus 
sin  gabhaidh  iad  a  mach  ;  tha  iad  a'  faotainn 
"  stad  "  's  an  inntinn,  agus  air  aghart  cha 
teid  iad.  Tha  iad  mar  sin  ainmeil  thar 
mhoran  sheorachan  mar  na  daoine  a  tha  ag 
ardachadh  coguis  air  a  soillseachadh  le 
spiorad  an  Tighearna.  Bha  Iain  Woolman 
air  fear  de  na  daoine  soUleir  agus  macanta, 
eudmhor  agus  uile-dhicheallach  a  dh'  araich 
iad.     An  uair  a  dheanadh  e   de   chosnadh 


beag  na  cheadaicheadh  sin  dha  bheireadh  e 
cuairt  troimh  na  Stg-itean  an  America  agus 
mar  a  ghluaiseadh  an  spiorad  e  bheireadh 
e  fianuis  do  dhaoine  air  peacadh  na  daorsa 
bha  sid. 

Chan  'eil  teagamh  nach  do  rinn  e  obair 
dha  riribh.  Is  fhada  o  leugh  mi  an  Siornal 
aige  agus,  gun  amharus,  tha  e  air  leabhar 
Beurla  cho  aire-thoiltinneach  agus  is  urrainn 
do  neach  a  leughadh'.  Bha  Iain  Woolman, 
latha  bha  sid,  aig  bord  mor  an  tighleach  a 
bhuineadh  do  "  Na  Cairdean."  Bha  a' 
chuideachd  gu  maith,  agus  an  t-anart  grinn, 
agus  an  tigh  saibhir.  Bha  gach  ni,  gu  ruige 
na  spainnean,  'n  a  airgead  geal.  An  uair 
a  thoisicheadh  air  a  bhiadh  thoisich  Iain 
Woolman  air  gul.  An  uair  a  chuireadh  a' 
cheist  air  de  bha  cearr  thuirt  e  gu  'n  robh 
e  eu-c6masach  dhasan  gb  bhiadh  a  ghabhail 
leis  na  spainnean  a  bha  cho  riomhach  air 
thailibh  na  buanachd  a  rinneadh  as  na 
traillean !  Am  b'  ionghnadh  ged  a  bhiodh 
buaidh  leis,  mar  a  bha  ? 

Is  e  am  fear  eile  nach  coir  a  dhearmad 
Abraham  Lincoln.  Chaidh  an  duine  iom- 
raideach  so  a  thogail  'fad  an  iar'  an  America, 
Is  ann  agus  e  teannadh  ri  bhi  aig  ire  duine 
a  thuig  e,  air  tus,  gu  ro-shoilleir,  traillealachd 
na  daorsa  so  agus  a  peacadh.  Bha  e  'n 
a  ghille  6g  air  feill.  Agus  de  an  fheill  a  bha 
ann  ach  feill  dhaoine.  Is  e  daoine  dubha 
bha  air  tairgse  air  son  an  airgid.  Chunnaic 
an  gille  so  nighean  dhubh,  'g  a  cur  suas  agus 
iad  'g  a  reic.  Thuirt  Abraham  Lincoln  os 
iosal  ris  fhein,  "  Ma  bheir  Dia  a  chaoidh 
dhomhsa  cothrom  air  so  a  bhualadh  buailidh 
mi  gu  ro-mhaith  e." 

Agus  ciamar  a  thug  Dia  an  cothrom  dha  ; 
agus  de  an  seorsa  buille  a  bhuail  e  ?  Dh' 
fhas  e  gu  bhi  'n  a  dhuine  mor,  gun  teagamh. 
Thainig  e  gu  bhi  'n  a  Uachdaran  air  Staitean 
Aonaichte  America.  Ghabh  e  uallach  saor- 
adh  nan  traillean,  anns  na  Staitean  sin, 
air  fhein  ;  agus  an  uair  a  chunnaic  e  nach 
deanadh  na  bu  lugha  na  cogadh  catharra, 
no  cogadh  duthcha,  an  America,  a  chuis 
chaidh  e  gu  cogadh  air  an  sgath.  Bha  na 
Tuathaich  air  son  saorsa,  agus  is  iad  na 
Tuathaich  a  thug  buaidh  ;  agus  chuireadh 
crioch  laghail  air  daoradh  dhaoine  an 
Staitean  Aonaichte  America.  B'  e  sin  an 
latha  mor! 

Tha  an  ni  an  diugh  cho  sgreataidh  agus 
cho  olc  an  sealladh  dhaoine  a  tha  fo  bhuaidh 
an  t-soisgeil  agus  gur  ann  air  eiginn  a 
ghabhar  gu  cridhe  e  nach  robh  e  riamh  olc 
is  peacach  an  sealladh  na  h -eaglais  gu  h- 
iomlan. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Aonghas  Boyd,  M.A. 

Chaochail  an  duine  mor  laidir  so  agus 
gun  e  acb  tri  fichead  agus  a  dha. 

Rugadh  e  an  Uidhist-a-Tuath,  ;  bha  e 
air  oUeanachadh  an  Cinn-Ghiuthsaich  agus 
an  Oilthigh  Obar-eadhain ;  bha  e  air  a 
shuidheachadh  an  Cill-chomain,  an  He,  an 
1911,  agus  'n  a  dbeidh  sin  an  sgir  Uaimh, 
am  Peairt,  an  1914.  Dh'  fhag  e  Uaimh  an 
1921,  is  chaidh  e  do  Urchardan,  an  Cleir 
Inbhir-nis,  far  an  do  shaothraich  e  gus  an 
do  shiubhail  e. 

Bu  toigh  leis  a  h-uile  duine  d'  am  b'  aithne 
e  Aonghus  Boyd,  oir  bha  e  'n  a  dhuine 
reidh  coir,  cho  ciiiin  agus  faidhidinneach  'n 
a  nMur  agus  'n  a  dhoighean  's  nach  biodh 
e  furasda  eadhon  do  dhaoine  crosda  cur  a 
mach  air.  Bha  aoibh  agus  coibhneas  'n 
a  aodann  daonnan  ;  nuair  a  dheanadh  e 
lachan  mor  gaire  shaoUeadh  tu  gur  e  na 
sleibhtean  a  bha  deanamh  iolaich. 

Bha  e  measail  aig  a  bhraithrean  anns  a' 
Chleir,  agus  aig  moran  dhaoine  eile  ris  an 
robh  gnothuch  aige  ann  an  obair  na  Siorram- 
achd,  agus  comuinn  eile  anns  an  robh  lamb 
aige.  Ged  nach  biodh  e  trie  a'  bruidhinn 
bha  e  cothromach  agus  gHc  'n  a  bhreith- 
neachadh. 

Bha  e  'n  charaid  agus  'n  a  chomhairliche 
maith  do  theaghlaichean  anns  a'  choimh- 
thional  aige  fhein,  agus  anabarrach  faireach- 
dail  agus  freasdalach  an  am  trioblaid. 

Boirionnaich  anns  an  t-Seisean. 

Tha  ceist  nam  ban  a  nis  air  beulaibh  an 
Ard-sheanaidh  o  chionn  bhliadhnachan,  ach 
an  aite  a  bhi  air  a  socrachadh  gu  reidh  agus 
gu  h-aonsgeulach,  bithidh  a'  chonnspoid 
am  bliadhna  na  's  teotha  na  bha  i  riamh, 
agus  an  dorchadas  na  's  tiugha,  ach  ma 
bhitheas,  chan  urrainn  dhaibh  coire  a  chur 
air  neach  eile  ach  air  an  t-Seanadh  fhein. 
Tha  an  Seanadh  air  fas  fiiisanach  ;  na  's 
coltaiche  ri  coinneamh  mhor  fhosgailte  na 
ri  Cuirt  a  bhios  a'  deanamh  laghannan  agus 
riaghailtean  gu  h-athaiseach  agus  gu  cur- 
amach.  Tha  seorsa  bruidhne  ri  chluinntinn 
anns  an  eaglais  agus  anns  an  t- Seanadh  an 
diugh  nach  cluinneadh  tu  idir  anns  na  seann 
laithean  ;  daoine  'n  am  fallus  a'  glaodhach 
aird  an  cinn  gu  'm  feumar  sud  no  so  a 
dheanamh  ann  an  cabhaig  air  neo  gu  'm 
bi  an  eaglais  ullamh  agus  Albainn  air  a 
chall  do  Dhia.  Sin  daoine  aig  nach  'eil 
cuimhne  gu  'n  d'  fhan  am  mathair  ri  'm 
breith,  agus  aig  nach  'eil  cuimhne  nach  'eil 
mile  bliadhna  ann  an  sealladh  Dhe  ach  mar 
fhaire  anns  an  oidhche.     Cha  bu  choir  do 


/n  eaglais  suim  air  bith  a  ghabhail  do  na 
daoine  fiiisanach  sin,  ach  gach  reachd  iir 
a  dheanamh  gu  h-athaiseach  agus  gu  laghail, 
gun  eagal  a  bhi  oirre  gu  'n  abair  an  saoghal 
gu  bheil  a  ceum  mall. 

Aig  an  t-Seanadh  an  1931  bha  Comhairle 
air  a  cur  air  chois  a  threorachadh  inntinn 
na  h-eaglais  anns  a'  chuis  so,  ach  ged  chaidh 
an  deasbud  air  aghaidh  fad  dha  no  tri 
bhliadhnachan  anns  a'  Chomhairle,  anns  an 
t-Seanadh,  anns  na  Cleirean,  cha  robh 
feordadh  anns  an  eaglais  gu  'm  biodh  e  glic 
dhi  dreuchd  an  fhoirbhich  fhosgladh  do 
bhoirionnach. 

Sin  mar  bha  an  gnothuch  air  fhagail  an 
1934,  agus  na  'n  robh  gnaths  na  h-eaglais 
air  a  leantuinn  cha  bhiodh  a'  cheist  air  a 
togail  a  ris  na  bu  luaithe  na  fichead  bliadhna 
CO  dhitibh.  Chan  'eil  e  iomchuidh  gu  'm 
biodh  Ard-Chiiirt  na  h-eaglais  mar  gu  'm 
biodh  Calum  Udalan,  ag  atharrachadh  a 
bheachd   leis   a'   ghealaich. 

Ach  bha  an  Comunn  a  chuireadh  air 
chois  ann  an  cabhaig  a  mhineachadh  toil 
Dhe,  ann  an  cabhaig  iad  fhein,  agus  thog 
ictd  a'  cheist  agus  a'  chonnspoid  as  ur  m' 
an  gann  a  dh'  fhuaraich  eibhlean  an  t- 
seann  teine. 

Bha  an  gnothuch  a  ris  air  beulaibh  an  t- 
Seanaidh  agus  air  beulaibh  nan  Cleirean 
fad  dha  no  tri  bhlaidhnachan,  agus  dh' 
aontaich  a'  mhor-chuid  de  chleirean  gu  'm 
biodh  an  cnap-starra  a  bha  cumail  bhoirion- 
nach o  dhreuchd  foirbhich  air  a  chur  as  an 
rathad.  Bha  Ian  dhtiil  againn  uile,  an  uair 
a  chunnaic  sinn  cia  meud  cleir  a  bha  leo  agus 
cia  meud  a  bha  'n  an  aghaidh,  gu  'm  biodh  an 
dorus  air  fhosgladh  dhaibh  aig  Seanadh 
1945,  a  reir  gnaths  agus  riaghailtean  na  h- 
eaglais. 

Ach  bha  car  eile  air  a  chur  anns  a'  ghnoth- 
uch  ;  thogadh  an  glaodh,  glaodh  iir,  anns 
an  eaglais  nach  robh  beachd  no  comhairle 
sheiseanan  no  choimhthionailean  air  iarraidh, 
agus  gu  'm  feumteadh  sin  fhaotainn.  Fhuar- 
adh  am  beachd  a  nis,  ach  ma  fhuair,  cha 
chuidich  e  leis  an  t-Seanadh  a'  cheist  so  a 
shocruchadh  gu  reidh  rianail.  Tha  an 
dorchadas  na  's  tiugha  na  bha  e  riamh.  Chan 
fhiach  guth  nan  coimhthionailean  am  paipear 
air  an  sgriobhar  e,  oir  chan  'eil  aim  ach  guth 
aireamh  bhig  de  'n  luchd-comanachaidh. 
Le  droch  stiiiireadh  chuir  an  eaglais  i  fhein 
air  bogha  a  e  bhios  duilich  dhi  faotainn 
dheth.  Ma  their  thu  gu  'n  aotruimicheadh 
e  an  long  an  sgiobair  agus  na  h-oifigich  a 
thilgeadh  thar  na  cliathach  theagamh  nach 
deanadh  sin  a'  chixis  dad  na  b'  fhearr. 


Aireamh  4 


1946 


Aiseirigh  Chriosd 

Na  biodh  eagal  oirbh   .   .   .  dh'eirich  e. — 'Marc  xvi.  6. 


THA  Di-doinJinaich  na  Casg  am  bliadhna  a' 
tuiteam  air  an  treas  Sabaid  de'n  mhios  so, 
agus  bu  mhaith  learn,  te  de  laoidhean  na 
Caisge  a  chur  sios  air  an  duilleig  so,  a  chionn 
gu  blieil  laoidhean  na  h-eaglais  a'  teagasg 
a'  Chreideamh  Chriosdiiidh  do'n  t-sluagh 
fada  na  's  fearr  na  tha  e  air  a  theagasg  anns 
a'  chiibaid.  Mur  bheil  Creud  na  h-eaglais 
air  a  theagasg  le  Ian  dhearbhachd  bha  cho 
maith  gun  e  bhi  air  a  theagasg  idir.  Ach 
ma  chluinnear  air  uairean  fuaim  neo- 
chinnteach  o'n  chubaid  a  thaobh  aiseirigh 
Chriosd,  cha  chluinnear  anns  na  laoidhean 
ach  guth-gairdeachais  agus  aoibhneis  gu 
'n  do  thog  Dia  a  mhac  o'n  uaigh,  agus  gu 
'n  do  sheulaich  e  a  bhuaidh  thairis  air  a' 
bhas,  agus  air  an  uaigh,  agus  air  a'  pheacadh. 

Failte  do  'n  la  's  an  d'  eirich  Criosd, 

le  cumhachd  nios  o'n  uaigh  ; 
'S  an  d'  fhuair  e  air  gach  uile  namh, 

air  ifreann,  's  bas,  Ian  bhuaidh. 

'Na  leabaidh  thosdach  anns  an  iiir 

ghabh  Righ  nan  diil  a  thanih, 
Gu  ruig  an  treas  la  glormhor  sin 

a  shonraich  e  roimh  laimh. 

Chuir  ifreann   's   uaigh  an  lamh   r'a   cheil', 

'ga  chum  ail  shios  fo  ghlais  ; 
Ach  bhris  an  gaisgeach  dheth  gach  sas, 

is  dhiaisg  e  'n  aird  gu  cas. 

Do  d'  ainm  ro  ard,  a  Thriath  nam  buadh, 

gach  uair  bheir  sinne  cliii  ; 
'S  1©  'r  n-ait  Hosana  f ^iltichid  li 

aula  's  an  d'  eirich  thu. 

iSlainte  is  cliii  gun  chrich  d'  ar  Dia, 
an  Triath  le  'n  d'  shaoradh  sinn  ; 

Dha  seinneadh  neam.h,  is  fonn,  is  cuan 
gach  uair  Hosana  bhinn. 

Do  'n  Ath'r,  do'n  Mhac,  's  do'n  Spiorad 
,  Naomh, 

an  t-aon  Dia  beo  is  fior 
Biodh  gloir  mar  bha,  ,a  ta,  's  a  bhios, 

o  so  a  mach  gu  sior. 


Ann  an  eachdra'idh  na  h-eaglais  tha  e 
gle  thric  a'  tachairt  gu  bheil  uile  chudthrom 
a  teagaisg  air  a  chur  air  aon  phairt  de'n 
obair  agus  de'n  fhoillseachadh  a  rinn  Criosd, 
agus  gu  bheil  dearmad  air  a  dheanamh  air 
pairt  eile.  Air  uairean  tha  an  cudthrom  air 
a  chur  air  an  obair-shaoraidh  agus  reite 
a  rinn  e  le  a  bhas  air  a'  chrann-cheusaidh, 
air  uairean  eile  tha  e  air  a  chur  air  a  theachd 
mar  Dhia-duine^  agus  air  an  fhoillseachadh 
a  rinn  e  air  Dia  anns  an  fheoil,  ach  an  uair 
a  theid  sinn  air  ar  n-ais  gu  linn  nan  abstol, 
chi  sinn  nach  ann  air  a  theachd  anns  an 
fheoil,  no  air  a  bhas,  a  bha  iad  a'  cur  cudth- 
rom an  teagaisg  ach  air  aiseirigh.  B'  e 
aiseirigh  Chriosd  a  dh'  aisig  air  a  is  dhaibh 
an  dochas  a  chaill  iad  an  uair  a  chunnaic  iad 
e  air  a  cheusadh,  agus  an  sin  chaidh  iad  a 
mach  le  gairdeachas  agus  lan-dearbhachd 
creidimh  a  thoirt  am  fianuis  gu  'n  d'eirich 
e  as  an  uaigh,  agus  gu'm  faca  iad  e  beo. 

Tha  e  air  a  radh  gur  coma  le  daoine  an 
diugh'  CO  dhiubh  bha  ^o  nach  robh  an  uaigh 
anns  do  thiodhlaiceadh  Criosd  falamh  air 
an  treas  la,  a  chionn  gu  bheil  iad  a'  gabhail 
ri  soisgeul  na  h-aiseirigh  air  mhodh  spioradail 
no  samhlachaii,  ach  ged  dh'  fhaodas  sin  a 
bhi  fior  a  thaobh  aireamh  bheag  de  dhaoine 
faodar  a'  mhor-shluagh  a  roinn  'n  an  da 
bhuidheann,  (1)  an  fheadhainn  a  tha  a' 
ere  id  sinn  gu  robh  an  uaigh  falamh,  agus 
(2)  an  fheadhainn  nach  'eil  a'  creidsinn  anns 
an   aiseirigh   idir. 

Tha  Criosd  beo  ann  an  cuimhne  a  shluaigh  ; 
cha  d'  thainig  agus  cha  tig  gu  brath  di- 
chuimhne  air  a  bheatha,  no  air  obair,  no  air 
a  theagasg  ;  tha  e  beo  mar  an  ceudna  ann 
am  beatha  na  h-eaglais,  a  tha  a'  giiilan  air 
aghaidh  na  h-oibre  a  thainig  e  do  'n  t-saoghal 
a  dheanamh,  ach  chan  e  sin  an  seagh  aims 
a  bheil  an  Tiomnadh  Nuadh  a'  teagasg  gu 
bheil  Criosd  beo,  ach  anns  an  t-seagh  gu'n 
d'  eirich  e  da  rireadh  as  an  uaigh,  gu  'n 
deachaidh  e  suas  gu  neamh,  far  a  bheil  e 
air  ardachadh  agus  air  a  chrimadh  le  tigh- 
darras  agus  uachdranachd  shiorruidh.  Ann 
an  Sacramaid  a'  Chomanachaidh  ged  tha 
sinn  a'  cumail  cuimhne  air  bas  an  Tighearna, 
is  ann  air  bas  neach  a  tha  beo,  agus  a  tha 
maille  ruinn. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Chan  e  cuimhne  ach  creideamh  a'  bhann 
oheart  eadar  Criosd  agus  a  luchd-leanmhuinn 
air  thalamh  ;  tha  an  eaglais  a'  searmonach- 
adh  Chriosd  mar  Shl^nuighear  a  chionn  gu 
bheil  e  beo,  agus  gu  'm  bi  e  beo  gu  siorruidh. 

Is  mise  an  ti  a  tha  bed,  agus  a  bha  marbh  ; 
agiis,  feuch,  tha  mi  bed  gu  saoghal  nan  saoghal ; 
Thugadh  dhomhsa  gach  wile  chumhachd  air 
neamh  agu^  air  thalamh  ....  agus  tha  mise 
maille  ribh  a  ghnath,  gu  deireadh  an  t-saoghail. 

Dh'  eirich  Criosd  a  nios  o'n  uaigh, 
Seinneadh  na  tha  bhos  is  shuas  ; 
Seinn,  a  thalaimh  ;  seinn,  a  neimh, 
Cuiribh  uile  chliu  am  meud. 


Saorsa  cheannaich  e  d'  a  shhiagh, 
Chuir  e  'n  cath,  is  fhuair  e'  bhuaidh  ; 
Dh'  fhalbh  an  smal  a  bh'  air  a'  ghrein, 
'S  dearrsaidh  i  gu  sior  'n  a  dheidh. 

Clach  is  faire,  's  seul,  cia  faoin ! 
Glas  na  h-uaigh'  chuir  e  fa  sgaoil  ; 
B'  fhaoin  do  'n  bhas  a  ghabhail  sios 
Dh'  eirich  e  le  buaidh  a  nios. 

Feuch,  a  nis  tha  losa  beo  ; 

Ghabh  e  comhnuidh  shuas  an  Gloir  ; 

Thug  a  bhas  an  gath  o'n  Bhas, 

'S  chain  an  uaigh  a  buaidh  gu  brath . 


Anns  a'  Chathair 


A'  CHEUD  uair  a  thachair  mi  air  Tormod 
Caimbeul,  b'  ann  air  an  Lochearn  air  Caol 
Muile,  agus  sinn  a'  gabhail  an  aiseig  oirre 
do  na  h-eileanan,  esan  do  Loch  Baoghasdail 
agus  mise  do  Thiriodh. 

An  uair  a  chaidh  mi  sios  gu  m'  bhraiceas 
chuir  an  stitibhard  'n  am  shuidhe  mi  aig 
bord  aig  an  robh  gille  6g  air  an  robh  colair 
ministeir  'n  a  shuidhe  cheana.  Ged  nach 
robh  ach  facal  no  dh^  de  sheanchas  eadaruinn 
aig  ar  braiceas,  thug  mi  an  aire  nach  robh 
coslas  na  slainte  air  aodann,  ach  bha  comh- 
arraidhean  na  sgoilearachd  air  a  bhruidhinn. 

Cha  do  chuir  mis»  seachad  moran-  tiine 
aig  a'  bhiadh,  oir  bha  mi  air  son  mo  chuimhne 
tirachadh  air  aitean  a  b'  aithne  dhomh  o 
m'  oige,  agus  mar  sin  chaidh  mi  suas  agus 
thagh  mi  dhomh  fhein  aite-suidhe  far  am 
faicinn  na  bha  romhainn  fhathast  de  Mhuile 
agus  de  'n  Mhorairne  m'  an  rachamaid  a 
steach  do  Thobar-Mhoire. 

An  eeann  greis  thainig  an  gille  6g  ud  far 
an  robh  mi,  agus  'g  am  ainmeachadh  air 
m'  ainm  (oir  dh'  innis  an  stiubhard  dha 
CO  mi)  dh'  fhoighnich  e  am  faodadh  e  suidhe 
laimh  rium.  Bha  cho  maith  leam-sa  a  bhi 
gu  samhach  leam  fhein,  a'  sealltuinn  air  na 
cladaichean  a  bha  sinn  a'  seoladh  ri  'n 
taobh  ;  air  fairge,  fonn,  is  speur,  agus  air 
na  h-eoin-mhara  a  bha  dhomh  mar  mo 
chuideachd  fhein,  ach  bha  coltas  cho  grinn 
air  a'  ghille,  agus  bha  e  cho  6g  'na  dhreuchd 
's  nach  biodh  e  siobhalta  no  coibhneil  dhomh 
a  bhi  doicheallach  ris,  no  gun  a  bheatha 
a  dheanamh.  Mar  sin  dh'  eirich  mi  agus 
fhuair  mi  cathair  dha  air  an  do  shuidh  e 
l^imh  rium. 

Chan  'eU  aite  air  an  t-saoghal  as  luaithe 
a  chuireas  daoine  eolas  air  a  cheile  na  ann 
am  b4ta-aiseig,  agus  ged  nach  'eil  seanchas 
a  gheibhear  ri  solus  latha  air  clar-uachdar  na 


Lochearn  uile  gu  leii'  cho  maith  ri  seanchas 
air  oidhche  gheamhraidh  ann  an  ceabain 
na  Dunara,  tba  e  gu  trie  inntinneach  agus 
ur  dhuit,  agus  theagamh  na  's  fire  agus  na's 
rianaile  na  far  am  bi  maraichean,  agus 
tuathanaich-mhora,  agus  marsantan-sga- 
dain,  agus  drobhairean  ag  61  air  slainte  each 
a  cheile. 

Bha  an  latha  maith  agus  an  fhairge  ciiiin  ; 
cha  robh  deo  air  adhar,  agus  fad  na 
slighe  gus  an  deachaidh  mi  air  tir  air  ceidhe 
Ghott,  cha  robh  aire  no  smuain  agam  air 
eun,  no  ron,  no  rudha,  no  bogha,  no  eilean  ; 
agus  cha  mho  a  dh'  fhosgail  mi  mo  bheul 
OS  cionn  leth-dusan  uair,  oir  cha  robh  feum 
air,  a  chionn  gu  robh  Tormod  Caimbeul  'n 
a  chonaltraiche  nlaith,  agus  nach  robh  dad 
agamsa   ri  dheanamh  ach   eisdeachd. 

Tha  fhios  agam,  a  leughadair,  gu  'n  abair 
thu  riut  fhein  gu  robh  e  dana  no  na  .bu 
mhiosa  do  bhalach  6g  uiread  de  'n  t-seanchas 
a  ghabhail  air  fhein  an  lathair  seana  mhinis- 
tear  a  bha  suas  ri  da  fhichead  bliadhna  na 
bu  shine  na  e,  ach  cha  bhiodh  e  ceart  dhuit 
sin  a  radh.  Cha  d'  fhairich  mise  fad  na 
h-iiine  gu  robh  e  barasach  no  14n  dheth 
fhein,  agus  cha  mho  a  dh'  fhairich  mi  gu 
robh  a  sheanchas  sgitheil,  ged  a  dh'  fhasas 
mi  sgith  gle  luath  de  ghlagadaich  thean- 
ganna. 

Bha  e  'n  a  ghille  cho  laghach  's  a  thachair 
riamh  orm  ;  neo-chiontach  agus  aon-fbillte, 
agus  cho  dearbhta  'n  a  chreideamh  agus  'n 
a  bheachdan  's  gu  'n  robh  farmad  agam  ris, 
oir  bha  cuimhne  agam  gu  'n  robh  mi  fhein 
na  bu  choltaiche  ris  an  uair  a  bha  mi  6g 
na  chreideas  mi  an  diugh.  Ciod  an  tairbhe 
a  tha  ann  do  dhuine  fas  glic,  agus  a  thomhas 
fhein  fhaotainn,  ma  lughdaicheas  e  a  dhochas 
agus  a  neart  ? 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Ged  bha  e  de  stoc  maith  Gaidhealach  bha 
a  dhaoine  a'  fuireach  air  taobh  an  Ear 
Albann,  agus  bha  esan  air-  a  choisrigeadh 
gu  ministrealaehd  na  h-eaglais  Shasunnaich . 
Dh'  innis  e  dhomh  gu  robh  atliair  comhla 
rium  an  Oilthigh  Dhiin-eideann,  agiis  arms 
a'  chogadh  (1914-8),  ach  bha  e  fhein  air 
oileanachadh  an  Cambridge,  ach  ged  a  bha 
fuaim  agus  bias  Chambridge  air  a  bhruidh- 
inn  chan  'eil  mi  an  diiil  gu  'n  d'  thug  e  dad 
eile  a  Cambridge  ach  sin  fhein. 

Theoigh  mo  chridhe  ris  a  chionn  gu'm 
bu  mhac  athar  e,  agus  a  chionn  gu  'n  robh 
a'  cheart  ghaisgealachd  a  bha  'n  a  athair 
mar  shaighdear  ann-san  mar  Clu-iosduidh , 
oir  cha  robh  teagamh  air  bith  aige  nach 
cuireadh  e  ruaig  air  Satan  agus  air  uile 
chumhachdan  an  dorchadais  na  'n  seasadh 
a  shlainte,  agus  cha  mho  bha  teagamh  air 
bith  aige  nach  deanadh  gaoth  bhog  bhlath 
a'  mhachair  Uidhistich  eho  fallain  e  ann  an 
tri  mios'an  's  a  bha  e  riamh. 

Marbhphaisg  air  a'  chaitheamh,  nighean 
an  donais  agus  mathair  nam  breug  ;  am 
measg  nan  cuUbheartan  eile  leis  am  meall  i 
daoine  cuiridh  i  dochas  feall  'n  an  cridhe  gu 
bheil  iad  a'  dol  na  's  fhear'r  an  uair  nach 
'eil  feairrd  ann.  Ged  nach  cluinninn  idir 
na  ruitheanna  casdaich  a  bha  tighinn  air 
an  <irasd  's  a  ris,  bha  an  solus  a  bha  'n  a 
shiiilean  mora  blath,  dath  a  chraicinn,  agus 
an  rudha  a  bha  'n  a  ghruaidh,  ag  innseadh 
gu  soilleir  gu  'n  robh  a  bhinn  air  a  seulachadh. 

Ach  bha  'solus  eile  a'  lasadh  'n  a  shiiilean 
a  thuilleadh  air  solus  na  caitheimh  ;  solus 
nach  buineadh  do  'n  t-saoghal  so,  a  bha  air 
a  lasadh  'n  a  chridhe  leis  an  eud  iongantach 
agus  an  dochas  leis  an  robh  e  a'  dol  air 
aghaidh  gu  comhrag  a  dheanamh  ri  prionnsa 
an  dorchadais,  a'  creidsinn  gu'n  robh 
iocshlaint  aige  a  leighseadh  uile  chreuchdan 
an  t-saoghail,  agus  a  thairngeadh  na  riogh- 
achdan  ri  cheile  ann  an  sith,  agiis  ann  an 
gradh,  agus  ann  an  coimhcheangal  sior- 
ruidh. 

An  e  mealltaireachd  na  caitheimh  a  dhiiisg 
an  dochas  so  'n  a  chridhe,  dochas  a  bha 
cho  fad  OS  cionn  a  chomais  's  a  tha  an 
Grioglachan  os  cionn  an  talaimh  ?  Chan 
urrainn  mi  a  radh,  oir  chan  'eil  fhios  agam, 
ach  CO  dhiubh  chan  ann  'n  a  ghliocas  fhein 
a  bha  e  a'  cur  earbsa,  ach  ann  an  cumhachd 
Dhe  agus  ann  an  tighdarras  na  h-eaglais  a 
chuir  e  au*  chois.  Sin  an  aon  duan  a  bha 
aige,  gur  e  an  eaglais  Dia  air  ihalamh  ;  na 
i\  robh  an  eaglais  aonaichte — an  Roimh, 
Baile — Pheadair,  Canterbury,  agus  Geneva, 
agus  na  'n  labhradh  i  ris  an  t-saoghal  le 
guth  smachdail,  gu  'n  eisdeadh  na  rioghach- 


dan  agus  na  cinnich  rithe  le  ball-chrith, 
agus  nach  gabhadh  iad  boil  na  bu  mho. 

Sin  agus  rudan  eile  nach  robh  iir  dhomh, 
agus  arms  an  robh  freumh  de  'n  fhirinn,  air 
am  measgadh  ri  moran  leanabalachd,  an 
iocshlaint  a  bha  aig  a'  ghUle  laghach  ud  a 
leigheas  creuchdan  an  t-saoghail  agus  olcas 
nan  eucorach.  Ach  cha  do  luigheasaich  Dia 
dha  an  obair  a  bha  e  a'  ciallachadh  a  dhean- 
amh air  thalamh  a  chriochnachadh,  no 
eadhon  toiseachadh  oirre,  oir  shiubhail  e 
arm  an  toiseach  an  fhoghair. 

An  uair  a  chuala  mi  naidheachd  a  bhaia 
bha  mi  taingeil  gu'n  d'  thug  mi  an  aire 
dhomh  fhein  gun  dol  ann  an  argumaid  ris, 
agus  idir  idir  gun  chonnsachadh  a  dheanamh, 
agus  mar  sin,  mar  a  dh'  innis  mi  cheana, 
cha  mhor  gu  'n  d'  fhosgaU  mi  mo  bheul  fad 
na  slighe.  Ach  dh'  eisd  mi  le  faidhidimi  ris 
na  nithean  a  thaom  e  a  mach  cho  fialaidh, 
a  cridhe  glan  agus  gaisgeil  agus  dochasach, 
agus  a  reir  choslais  thug  e  toUeachadh  dha, 
oir  an  deidh  laimhe  sgriobh  a  mhathair 
chugam,  a  thoirt  taing  dhomh  air  son  mo 
sheanchais  ri  Tormod  eadar  an  t-Oban 
agus  Tiriodh.  Cuimhnich,  ma  ta,  a  leugh- 
adair,  gu  bheil  daoine  a  dh'  'eisdeas  cho 
feumail  arms  an  t-saoghal  ri  daoine  a  bhruidh- 
neas,  agus  maith  dh'  fhaoidte  na  's  teirce. 

Chaidh  mi  'g  a  fhaicinn  air  leabaidh  a  . 
bhais,  ach  ged  bha  a  bhodhaig  cho  lag  's 
gu  'n  do  chaill  a  ghuth  am  farum  agus  a' 
chinnt  a  bha  aim  aon  uair,  bha  a  chridhe  cho 
gaisgeil  agus  cho  dochasach  's  a  bha  e  riamh, 
is  chaidh  e  an  coinnea,mh  na  namhaid 
dheireannaich  agus  a  bhratach  am  barr 
a'  chroinn.  Cha  robh  e  ach  ceithir  bliadhna 
fichead,  ach  o  bha  e  se  bUadhna  deug  bha 
a'  ghairm  neamhaidh  ud  'n  a  chridhe  agus 
'n  a  inntinn,  agus  eadhon  an  uair  a  chunnaic 
e  gu  'm  feumadh  e  ah  obair  mhor  agus 
iongantach  a  bha  'n  a  bheachd  a  dheanamh 
fhagail  gun  uiread  agus  toiseachadh  oirre, 
cha  do  mheataich  a  chreideamh  ann  an 
Dia  no  anns  an  eaglais.  Bha  e  cinnteach 
gu  robh  Dia  'g  a  thoirt  dhachaidh  a  chionn 
gu  robh  obair  air  chor-eigin  eile  aige  dha  air 
an  taobh  thall.  Sin  agad,  a  leughadair, 
an  creideamh  a  bheir  buaidh  air  an  t-saoghal, 
agus  ge  b'  e  aite  an  tachair  e  ort,  is  ion  dhuit 
dol  air  do  ghltiinean  agus  a  radh  ri  Dia, 
"  A  Thighearna,  meudaich  mo  chreideamh." 

Chan  innsinn  mu  'n  ghille  ud  air  an 
duilleig  so  na'n  robh  gin  d'a  chuideachd 
beo,  ach  tha  iad  uile  marbh  a  nis,  agus  an 
ainm  air  caochladh  gu  tm\  Aig  an  am  anns 
an  do  thachair  sinn  air  a  cheile,  bha  aimhreit 
agus  stri  an  t-saoghail  a'  laighe  gu  trom  air 


AN  T-OLLAMH  MACIAIN 


mo  spiorad,  a'  cur  tuar  a'  bhais  aii-  mo 
chreideamJi  ann  an  gliocas  mhic  an  duine, 
agus  ann  am  dhochas  gu  'm  biodh  cuisean 
na  b'  fhearr  an  ath  latha  no  an  ath  bhliadhna, 
agus  bha  dearbhachd  agus  dochas  a'  ghille 
oig  ud,  chan  ann  ann  an  gliocas  an  t-saoghail 
ach  ann  an  Dia  agus  anns  an  eaglais,  mar 
oiteig  urail  do  m'  anam  o  mhuUach  beanntan 
nan  spio3raidh. 

Tha    daoine    aig    a    bheil    inntinnean    as 
comasaiche   na    bha   aig   Tormod   Caimbeul 


lionmhor  gu  leoir,  oir  bha  e  anabiuch  is 
leanabail  eadhon  a  reir  aoise,  ach  chan  'eil 
iad  idir  lionmhor  aig  a  bheil  an  creideamh, 
agus  an  dearbhachd,  agus  a'  ghaisgealachd 
uasal,  a  bha  'n  a  chridhe  mar  theine  beo. 
Car  son,  ma  ta,  a  thug  Dia  dhachaidh  e  cho 
trath  ?  An  ann  a  chionn  gu  robh  e  air  son 
a  shaoradh  o  bhriseadh-diiile  ?  Co  aige  a 
tha  fhios  ?  Faodaidh  sinne  ceistean  fhoigh- 
neachd,  ach  tha  Dia  a'  gleidhead,h  a  chomh- 
airle  agus  a  riiintean  diomhair  dha  fein. 


An  t-OUamh  Maclain 

Leis  an  Urramach  Calum  MacOilleathain,  M.A.,  Conan 


AM  measg  nan  daoine  mora  nach  buineadh 
do'n  Ghaidhealtachd  againn  ach  a  ghabh 
gnothuich  araid  rithe  bha  Sasunnach  toirteil 
air  an  robh  Dr.  Samuel  Johnson.  Is  e 
an  t-Ollamh  Maclain  a  thug  Gaidheil  a 
latha  air.  Anns  an  linn  anns  an  robh  e 
beo  cha  robh  duine  an  Sasuinn  a  b'  airde 
cliii  na  e  m.ar  fhoghlum.aiche.  Bha  buth 
leabhraichean  aig  athair  agus  thogadh  air 
leabhraichean  e,  's  cha  b'ann  air  aon  doigh. 
Bha  eolas  farsuinn  aige  air  litreachas,  bha 
e  'na  agriobhadair  tomadach  agus  'na 
sheorsa  de  bhreitheamh  am  measg  dhaoine 
fiosrach  aimsir  fein.  Bha  inntinn  cho  Ian 
aige  agus  a  chainnt  cho  deas  agus  cho 
cuimseach,  agus  cho  easgaidh  air  an  tean- 
gaidh  aige  agus  gu'm  bruidhinneadh  e, 
gun  soradh  agus  gun  uUachadh,  air  ni  fo'n 
ghrein.  Cha  bu  toigh  leis  a  bhith  air 
dheireadh  ;  agus  cha  bu  toigh  leis  nach 
gabhadh  daoine  eile  ri  gach  breith  is  binn 
a  bheireadh  e  a  mach.  Mur  bi  duine 
eolach  cho  glic  agus  a  tha  e  eolach  is  furasda 
dha  a  thoirt  air  fhein  a  chreidsinn  gu  bheil 
barrachd  eolais  aige  air  na  tha  aige,  agus 
an  uair  a  bhios  e  bruidheann  le  Ian  chinnt 
air  nithean  air  nach  'eil  e  eolach  ni  e 
amadan  dheth  fhein. 

Sin  mar  thachair  do'n  Ollamh  Sasunnach. 
Na  latha  chaidh  leabhar  bardachd  a  chur 
an  clo  agus  a'  bhardachd  air  a  h-ainmeachadh 
air  Oisein.  Is  e  fear  de  Chlann  Mhic -a - 
phearsain  a  chuir  an  leabhar  an  lamhan 
dhaoine  agus  e  cujuail  a  mach  gu'n  do 
chruinnich  e  a'  bhardachd  o  bheul-aithris 
agus  a  seann  sgriobhainnean  Gaidhealach. 
Rinn  an  leabhar  so  feum  eadar  an  tir-sa 
againne  is  iomadh  tir  a  bharrachd  oirre. 
Fhuair  litreachas  na  Beurla  iirachadh  le 
cuspair  ur  agus  foras  ur.  Agus  rinn  Alba 
seorsa  de  mhosgladh  an  uair  a  thuig  daoine 
gu'n  robh  litreachas  maiseach  agus  sean 
aig  na  Gaidheil.  Is  e  am  beachd  a  bha  aig 
Sasunnaieh  agus  aig  Goill  air  na   Gaidheil 


nach  robh  rud  a  b'ionann  is  litreachas  aca ! 
Thainig  an  t- Ollamh  Maclain  a  mach  laidir 
an  aghaidh  a'  bheachd  gu'n  robh  riamh  a 
leithid  de  ni  aig  na  Gaidheil  ri  seann-ealainn 
a  bhuineadh  do  litreachas  an  Gaidhlig. 
A  nis,  ge  b'e  de  a  bha  fior  no  breugaeh  de  na 
thuirt  Mac-a-phearsain  tha  aon  ni  cho 
soilleir,  a  nis,  agus  nach  'eil  aicheadh  air, 
gu'n  robh  an  t- Ollamh  Sasunnach  aineolach 
agus  dana  agus  gu'n  do  dhorchaich  e  comh- 
airle  le  cion  an  eolais  ! 

Tha  litreachas  sean  aig  na  Gaidheil  agus 
tha  moran  deth  air  a  thasgadh  an  seann 
sgriobhainnean,  agus  tha  cuid  deth  a  nis 
an  leabhraichean  a  bha  ri  linn  Mhiclain  so 
'na  bheul-aithris  aig  daoine,  agus  'na  bheul- 
oideas  a  mhain.  Gu  ruige  Iain  Domh- 
nallach,  air  an  robh  "  Domhnallach  mor 
na  Toiseachd,"  fhuaireas  daoine  a  chaidh 
gu  dicheallach  a  chruinneachadh  eolais  air 
na  seann  nithean  Gaidhealach  ;  agus  is 
mor  a  thoill  iadsan  uile  de  mholadh  air  son 
an  cuid  saoithreach. 

Thainig  an  t- Ollamh  Sasunnach  gu  ruige 
Alba  air  chuairt  a  chum  agus  gu'n  dearbhadh 
e  dha  fhein  is  do'n  t-saoghal  nach  robh  an 
Gaidheil  na  h-Albann  ach  borbanaich ! 
Rainig  e  an  t-Eilean  Sgitheanach.  Fhuair 
e  grinneas  an  Dun  Bheagain  a  cheart  cho 
loinneil  agus  cho  beusach  agus  cho  fiosrach 
agus  a  bha  an  Lunainn  !  Fhuair  e  aoidh- 
eachd  6  Fhionghal  a'  Phrionnsa  agus  mhol 
e  gu  h-aird  i.  Chunnaic  e  Calum  MacLeoid 
an  Ratharsaigh  agus  mhol  e  Calum.  Agus 
mhol  e  cleir  is  uaislean.  Cha  robh  dol  as 
aige  !  Ach  dh'fhairtlich  air  riamh  a  dhean- 
amh  a  mach  le  a  sgoilearachd  de  bha  fior 
mu  litreachas  nan  Gaidheal.  Agus  bu 
bheag  an  t-ioghnadh.  Cha  robh  an  iuchair 
aig  an  ionmhas  sin  aig  duine  beo  ri  linn. 
Rinn  e  a'  mhearachd  a  tha  cho  bitheanta  : 
"  A  bhith  an  dull  o  nach  'eil  aithne  aig  duine 
air  ni  araid  nach  'eil  an  ni  araid  idir  ann, 
's  nach  robh  's  nach  bidh.'^ 


COINNEACH  MACLEOID 


5 


Blia  cuid  de  na  Gaidheil  trom  air  Maclain 
agus  cha  b'ioghnadh  e  agus  an  taire  a  thug 
e  do  na  daoine  agus  do'n  duthaich.  Ach  is 
fheudar  aideachadh  gu'n  do  rinn  an  t- 
Ollamh  maith  nach  robh  dtiil  aige  a  dheanadh 
e.  Tha  eolas  gu  leoir  a  nis  far  nach  robh 
roimhe  ach  aiii-eolas.  Air  a  char  is  lugha, 
tha  e  far  an  ruigear  air.  Agus  is  e  taire 
Mhiclain  a  spreig  na  Gaidheil  chum  eolas 
fhaotainn  air  an  canan  fhein. 

Is  e  fior  dhuine  diadhaidh  a  bha  san  OUanih. 
An  uair  a  bha  e  6g  cha  robh  cus  aige  mu 
chreud  no  mu  chiiram  diadhaidh  ;  agus, 
cosamhuil  ri  iDmadh  fear  eile  ri  foghlum, 
bha  dull  aige  gu'n  deanadh  e  a  rathad  agus 
a  shaoghal  gle  mhaith  dheth  ged  a  bhiodh 
e  "  gun  Dia  agus  gun  dochas."  Ach  dh'ath- 
arraich  e  a  bheachd,  agus  thainig  e  gu  bhith 
na  fhear-leanmhainn  air  Criosd  agus  na 
bhall  durachdach,  dicheallach,  dleasdanach 
san  Eaglais  Shasunnaich. 

Ged  a  bha  e  cho  dileas  do'n  Eaglais 
Shasunnaich  agus  a  dh'fhoghnadh  cha  bu 
toigh  leis  idir  daoine  bhiodh,  a  dh'aon 
ghnothuch,  a'  deanamh  bualadh  sios  air 
eaglaisean  eile.  An  uair  a  chluinneadh  e 
daoine  cur  sios  air  Eaglais  na  Roimhe 
ghabhadh  e  taobh  na  h-eaglais  sm,  agus  an 
taobh  a  ghabhadh  e  ghabhadh  e  e  da  rireabh. 
Bha,  mar  sin,  daoine  ann  a  dh'aithnicheadh 
e,  aig  an  robh  diiil  gur  e  Papanach  a  bha 
ann. 

Bha  ni  eile  aige  bha  e  cumail  a  mach  ; 
Nach  robh  moran  eadar-dhealachaidh  eadar 
eaglais  is  eaglais  anns  7ia  nithean  a  bhuineadh 
do'n  chreideamh  :  gur  ann  mu  thimchioll  na 
nithean  a  bhuineadh  do  rian  is  do  riaghladh, 
no  ordugh,  a  bha  an  eaglais  gu  mor  a  roinn. 


Agus  CO  nach  tuig  de  bha  toirt  air  a  bhith 
de'n  bheachd  ? 

Bu  toigh  leis  an  Ollamh  Maclain  an  Eaglais 
Shasunnach,  ach  bha  aite  aige  na  chridhe 
air  son  eaglaisean  eile.  Agus,  gun  teagamh, 
bha  e  ciallachadh  mar  sin.  Bu  chatlaiceach 
esan.  Ach,  an  ni  a  b'fhearr  buileach,  is  e 
bha  an  aidmheil  Mhiclain  diadhachd  phear- 
santa.  Ni  a  bh'anns  a'  chridhe  aige,  a  bha 
ann  an  diamhaireachd  a  bheatha  eadar  e  fhein 
is  Dia.  Agus  ni  aig  an  robh  toradh  a  chum 
fireantachd.  An  uair  a  thug  an  t-OllamJi 
Maclain  dhachaidh,  air  a  mhuin,  boireannach 
gun  chliii,  a  fhuair  e  dol  bas  anns  an  dig, 
agus  a  thug  e  fasgadh  agus'  biadh  is  blaths 
di,  agus  an  uair  a  chuir  e  air  bealach  a  leas 
i  air  dhi  a  dhol  beagan  am  feabhas,  rinn  e  ni 
a  mheasadh  iomadh  seorsa  amaideach. 
Gidheadh  rinn  e  e  — •  agus  anns  a'  cheum 
sin  choimhlion  e  an  aitbne,  Falbh  agus  dean 
a  leithid  eile. 

Bha  a  shiiil  air  a'  bhochd  agus  air  an 
fheumach,  agus  a  chobhair  dliith  dhaibh. 
Agus  is  e  sin  an  diadhachd  is  fiii.  Ach 
cuimhnicheamaid  cha  tug  sin  air  a  bhith 
seachnadh  aoradh  follaiseach,  no  bhith  'ga 
sgaradh   fhein   o    mheadhonan    nan   gras. 

Is  e  duine  mor  a  bha  san  Ollamh  Maclain, 
agus  fior  Shasunnach.  Cha  robh  cus  aige 
mu  Alba,  agus  cha  bu  toigh  leis  Albannaich  ! 
Ach  thog  e  fianuis  air  taobh  an  Tighearna, 
agus  dh'fhag  e  sin  mar  ni  a  bhios  an  comh- 
nuidh  againn.  Thainig  a'  chlann  bheaga 
gu  losa.  Thainig  na  daoine  glice  iad  fhein 
gu  Betelem  !  Agus  cha  do  dh'fhag  Dia  e 
fhein  gun  fhianuis  am  measg  dhaoine  mora 
agus  eagnaidh.  Agus  bha  an  t-Ollamh  so 
air  a  h-aon  aca  sin. 


Coinneach  MacLebid 

Leis  an  Urramach  D.  I.  MacFhionghuin,  M.A.,  Bhatarnis. 


THA  eilean  Uidhist-mu-dheas  a'  caoidh 
agus  ag  ionndrainn  an  eildeir  choir  so  a 
ghairmeadh  dhachaidh  air  ceud  mhios  na 
bliadhna. 

Fad  iomadh  bliadlma  bha  e  na  fhear-togail 
fuinn  ann  an  eaglais  Dhalabrog,  agus  's 
cinnteach  sinn  gu  'n  d'  fhuair  moran  togail 
cridhe,  agus  sealladh  ur  air  maise  nan  salm 
mar  a  sheinneadh  iad  leis.  Duine  eireachdail 
a'm  pearsa,  chuir  e  maise  air  an  t-seirbhis. 
Cha  bu  duine  Coinneach  Mor  (mar  a  their- 
teadh  ris)  a  bha  ard-labhrach  mu  chreid- 
eamh. Ach  air  a  shon  sin  nochd  e  gu  soilleir 
c'ait  an  robh  a  chridhe  agus  a  thlachd. 
"  Ge  b'  e  ^it  am  bheil  bhur  n-ionmhas  an  sin 
bithidh  bhur  cridhe  mar  an  ceudna,"  deir 
an  T|ghearn,  agus  fhad's  a  mhair  neart 
agus   slainte  dha    cha   robh   aite   Choinnich 


falamh  ann  an  tigh  an  Tighearna.  Bhris 
air  a  shlainte  o  cheann  bhliadhnachan  air 
ais,  's  b'  fheudar  dha  a  cheaird  mar  chlaehair 
a  leigeadh  dheth.  Bha  bas  a  mhic  bu  shine 
's  a  Chogadh  Mhor  so  'na  bhuille  ghoirt  da. 

Dh'  f hulling  e  moran  'n  a  thinneas,  ach 
bha  e  foighidneach  agus  striochdta  's  gach 
am,  agus  'n  uair  a  thainig  teachdaire  a  bhais 
is  e  saighead  geuraichte  le  gaol  a  bh'  ann 
o'n  Ard-Mhaighstir  ;  oir  bha  fadal  air  gu 
triall  maille  Ris-san  mu  cheann  an  d'  iath 
an  crun  sgithich  agus  amharc  air  a  ghniiis 
air  an  do  thilgeadh  smugaid  na  taire  air  a 
sgath-san.  Bha  a  chrioch  an  sith  oir 
shiubhail  e  'na  chadal. 

Tha  co-fhaireachdainn  againn  ri  bhan- 
traich,  a  theaghlach,  a  pheathraichean  agus 
a  bhrathair  caomh  'n  am  bron. 


Aig  an  Uinneig 


Gu  leoir  a  dh'  airgiod 

B'  AITHNE  dhorah  gille  Gaidhealach  a  bha 
gu  raaith  lorn  'n  a  chuid  an  toiseach  a 
thoiseachaidh,  ach  le  dheanadas  agus  le 
dhichioll,  agus  leis  cho  curamach  's  a  bha 
e  na  ch  cuireadh  e  a  chosnadh  gu  droch  bhuil, 
bha  mile  punnd  Sasunnach  aige  anns  a'  bhan- 
ca  'nuair  a  bha  e  d^  fhichead  bliadhna,  agus 
e  fhathast  gun  phosadh.  Bha  meas  air 
aig  a  h-uile  duine  d'  am  b'  aithne  e  ;  aig 
a'  bhancair,  aig  a'  mhinistear,  aig  a  choimh- 
earsnaich,  aig  na  companaich  a  bha  ag 
oibreachadh  comhla  ris,  mar  dhuine  laidir 
glic  as  am  faodadh  iad  earbsa  a  chur,  gu  'n 
deanadh  e  a  rathad  anns  an  t-saoghal  gun 
bhi  an  eisiomail  neach  fo  'n  ghrein. 

Ach  ciod  air  bith  a  chuir  'n  a  cheann  e, 
an  uair  a  bha  e  mu  choig  agus  da  fhichead, 
ghabh  e  'n  a  cheann  gu  robh  e  cho  beartach 
ri  Carnegie,  agus  nach  tigeadh  crioch  gu 
brath  ait  na  bha  aige  a  dh'  airgiod.  Am 
fear  a  bha  cho  crionna  's  nach  cosdadh  e 
leth-chrim  gun  a  h-uile  sgUlinn  dheth  a 
chunntas,  no  gun  fhios  a  bhi  aige  c'  aite  an 
deachaidh  e,  thoisich  e  a  nis  air  airgiod  a 
fhroiseadh  as  a  laimh  mar  gu  'm  faiceadh  tu 
fear-bainnse  a'  froiseadh  sgillinnean-ruadha 
air  cloinn  aig  dorus  eaglais.  Dh'  fhag  e  an 
tigh  anns  an  robh  e  a'  fuireach  a  chionn  nach 
I'obh  e  riomhach  gu  leoir  leis,  is  chaidh  e 
a  chomhnuidh  ann  an  Hotel  mor,  far  nach 
T'obh  aige  ach  a  mheur  a  chur  air  butan  no 
cnag  anns  a'  bhalla,  agus  gheibheadh  e  gun 
dragh  ann  am  mionaid  rud  air  bith  a  bha 
dhith  air.  An  sin  cheannaich  e  feileadh- 
beag  agus  sporan,  sgian-dubh  agus  biodag, 
agus  cha  robh  dad  a  b'  fhearr  leis  na  bhi 
'n  a  shuidhe  aig  ceann  biiird,  anns  an  deise 
Ghaidhealaich,  a'  toirt  aoigheachd  do  fhich- 
ead no  do  dheich  air  fhichead  d'  a  luchd- 
eolais  a  bhiodh  e  ag  iarraidh  gu  dinnear 
uair  's  an  t-seachduin.  Bhiodh  iadsan  a' 
crathadh  an  cinn  agus  ag  radh  ri  cheile  nach 
robh  fhios  aca  air  an  t-saoghal  cia  as  a  bha 
an  t-airgiod  a'  tighinn.  Ach  a  reir  choslais 
cha  robh  gainne  airgid  air,  agus  cha  mho 
a  bha  caomhnadh  aige  air  airgiod  ;  mar  bu 
mho  a  chuireadh  e  a  mach  is  ann  bu  mho 
a  bha  e  an  diiil  gu  robh  e  na  bu  bheartaiche 
na  bha  Carnegie  riamh,  agus  nach  tigeadh 
crioch  gu  brath  air  na  bha  aige  anns  a' 
bhanca. ' 

Ach  thainig  crioch  air.  Sgriobh  am  ban- 
(lair  litir  shiobhalta,  ag  innseadh  dha  gu 
tobh  an  t-airgiod  ullamh,  agus  nach  biodh 
cheque  bhuaith  air  a  paigheadh  tuilleadh  mur 
cuireadh  e  a  steach  airgiod  a  phaigheadh  i. 
Thuirt  fear  an  tighe-osda  gu   'm  feuraadh 


na  dinnearaichean  stad  mur  dioladh  e  na 
bha  aige-san  air. 

An  sin  thainig  e  'g  a  ionnsuidh  fhein  ; 
chuir  e  dheth  am  feileadh-beag  is  chuir  e  air 
na  dungarees  a  ris,  is  thoisich  e  air  obair, 
agus  a  chionn  gu  robh  eanchainn  niaith  agus 
lamh  ghrinn  aige  gu  nadurra  shoirbhich  leis 
gu  luath,  agus  am  beagan  bhliadhnachan 
bha  e  cho  maith  air  a  dhoigh  's  a  bha  em' 
an  do  thog  speuran  a  chinn. 

Bithidh  e  air  uairean  a'  tighinn  'n  am 
inntinn  gu  bheil  moran  de  mhuinntir  Bhrea- 
tuinn  an  diugh  mar  bha  an  gille  ud, 
an  duil  gu  bheil  an  rioghachd  cho  beartach 
's  nach  tig  crioch  gu  brath  air  na  tha  aice 
a  dh'  airgiod,  agus  gu  'm  faod  i  a  chosd  gun 
chaomhnadh  air  ithinnich,  is  61,  is  subhachas. 
Theagamh  nach  misd  an  dtithaich  aireamh 
bheag  de  dhaoine  a  bhi  innte  anns  a  bheil 
a'  mheur  so  de  'n  chuthach  ('g  ar  dion  o 
spiocaireachd  nam  bodach  crionna)  ach 
'nuair  a  thoisicheas  an  sluagh  uile  air  a 
chreidsinn  nach  'eil  ceann  no  crioch  aig 
maoin  agus  creideas  na  rioghachd  tha  an 
t-am  aig  a*  Pharlamaid  ar  siiilean  fhosgladh. 

Creud  na  h.eaglais 

An  uair  a  bha  mi  anns  an  sgoil  bha  cuid 
de  na  naidheachdan  a  bha  anns  na  leabh- 
raichean-sgoile  mar  dheo-greine  do  m'  anam, 
gu  sonruichte  naidheachdan  mu  dhaoine 
a  bha  air  an  ruagadh  anns  an  t-sneachd  le 
bannal  de  mhadaidh-allaidh  air  a'  chuthach 
leis  an  acras.  Am  bitheantas  bhiodh  dealbh 
air  taobh  eile  na  duilleig,  air  am  faiceadh  tu 
machair  gini  cheann  gun  chrich  ann  an 
Ruisia,  lom-reidh  fo  shneachd  domhain  ; 
duine  no  flithis  ann  an  carn-slaoid 
(sledge)  air  a  tharruing  le  reindeer,  no  coin, 
no  eich.  agus  fichead  no  da  fhichead  madadh- 
allaidh  'n  an  deidh,  teanganna  nam  beistean. 
a  mach,  agus  iad  a'  greasadh  ansiubhail 
mar  bu  teotha  aileadh  na  creiche.  Cha  robh 
ach  aon  doigh  air  dol  as  orra  ;  cii,  no  rein- 
deer, no  each  a  thilgeadh  orra.  Chuireadh 
sin  stad  orra  'g  a  itheadh,  agus  m'  am  biodh 
iad  ullamh  de  'n  ithinnich  agus  de  'n  tapaid 
'n  am  measg  fhein,  bhiodh  an  carn-slaoid 
cho  fad  air  thoiseach  orra  's  nach  biodli  e 
furasda  dhaibh  breith  a.ir.  Ach  na  'm 
beireadh  iad  air,  dh'  fheumteadh  a'  cheart 
rud  a  dheanamh  a  ris,  fear  eile  de  na  coin, 
no  de  na  h-eich  a  thilgeadh  orra.  Sin  an 
rud  ris  an  abrar  appeasement. 

Agus  sin  an  doigh  anns  am  bith  moran 
dhiadhairean  a'  feuchainn  ris  a'  chreideamh 
Chriosduidh  a  dhion  o  na  madaidh-allaidh 
a   bhios   'g  an  ruagadh  agus  a'   cur  eagaii 


AIG  AN  UINNEK , 


7- 


orra  (luchd-ealain,  Higher  Critics,  mi- 
chreidich,  agus  seorsachan  eile  a  bhios  a' 
cur  teagamh  ann  an  creud  na  h-eaglais) — • 
tilgidh  iad  orra  crioman  an  deidh  criomain 
de  'n  Chreud  gus  mu  dheireadh  nach  'eil 
a  bheag  air  fhagail  as  fhiach  dliaibh  a 
ghleidheadh. 

Tha  eagal  air  diadhairean  dad  a  radh  mu 
Dhia  no  mu'n  t-saoghal  neo-fhaicsinneach 
mur  h-urrainn  dhaibh  a  dhearbhadh  air  a' 
cheart  dhoigh  anns  am  bi  an  luchd-ealain 
a'  dearbhadh  nan  nithean  a  bhios  iad  fhein 
ag  radh.  Dia  a  ghabhas  tomhas,  no  Creud 
a  ghabhas  dearbhadh,  no  miorbhuil  a 
ghabhas  minsachadh, — chan  'eil  annta  aeh 
Dia  agus  Creud  gun  bheatha,  gun  tabhachd. 
Bha  cho  maith  dhuit  feuchainn  ri  saoghal 
iir  a  dheanamh  ri  miorbhuileachd  a '  Chreidimh 
Chriosduidh  a  thoirt  as.  Faodaidh  duine 
diadhachd  Chriosd  a  chreidsinn,  no  aicheadh, 
ach  chan  urrainn  e  a  leth-ckreidsinn.  Mar 
sin  chan  'eil  ann  ach  goraiche  dhuit,  air 
ghaol  naimhdean  na  h-eaglais  a  thoileachadh 
agus  madaidh-allaidh  an  eolais  a  riarachadh, 
toiseachadh  air  crioman  an  deidh  criomain 
de  'n  Chreud  fhagail  a  mach,  na  miorbhuilean 
a  thachair  an  uair  a  bha  Mac  Dhe  air  a 
ghineamhuinn  leis  an  Spiorad  Naomh  ann 
am  broinn  oigh  gun  athair  talmhaidh,  agus 
na  miorbhuilean  eile  a  thachair  air  muir 
agus  raorltan  Ghalile,  air  maduinn  na  h- 
aiseirigh,  agus  air  la  na  Caingis.  Ciod  am 
feum  a  bhiodh  ann  dhuit  a'  mhiorbhuil  ud 
no  a'  mhiorbhuil  ud  eile  fhagail  a  mach  as 
a'  Bhiobull  an  uair  a  tha  am  Biobull  uile  air 
a  thumadh  agus  air  a  bhogadh  ann  am 
mlorhhuiledchd,  an  t-saoghail  d'  am  buin  Dia  ? 

Tha  an  Creideamh  Criosduidh  agus  Creud 
na  h-eaglais  coltach  ri  cota  Chriosd,  air  an 
do  thilg  na  saighdearan  croinn  ;  cha  do 
reub  iad  e  oir  bha  e  gun  fhuaigheal,  air 
fhigheadh  o  bhraigh  sios  gu  h-iomlan.  Chan 
e  tuthagan  a  dh'  iomadh  dath,  air  am 
fuaigheal  ri  cheile  air  thuaiream,  a  tha 
ann  an  Creud  na  h-eaglais,  ach  ann  phio.H 
air  fhigheadh  o  mhtdlach  gu  bhonn. 

Bruidhinn  gun  fiieum 

An  uair  nach  'eil  a  bheag  de  dhaoine  auns 
an  eaglais,  agus  a  tha  an  eaglais  fuar  agus 
an  t-seinn  fann,  tha  ministearan  gle  thitheach 
air  toiseachadh  air  trod  agus  air  gearan  gu 
bheil  an  diithaich  a'  ciil-shleamhnachadh  o 
Dhia,  agus  a'  tuiteam  air  falbh  o  'n  chreid- 
eamh  Chriosduidh.  Am  b'  urrainn  dhuit 
rud  eile  a  bu  sgitheile  na  sin  a  chluinntinn 
Saba,id  as  deidh  Sabaid  ?  Chan  e  mhain 
nach  dean  e  maith  air  bith  ach  ni  e  cron, 
agus  chan  'eil  e  siobhalta  no  coibhneil  do 
mhinistear   mur   bheil   aige   ri   thoirt   do    'n 


bheagan  de  dhaoine  dileas  a.  tliainig  a  luacJi 
ach  Ian  spainne  de  shalanu  ann  an  gloinc  , 
de  mheog  fuar.  B'  fhearr  dha  feuchainn 
ri  teas  a  chur  ann  fhein  aguB  anns  a'  choimh- 
thional  le  tri  no  ceithir  de  laoidhean  Shankey 
a  sheinn,  agus  iarraidh  air  cuid-eigin  iu'uuigh 
a  dheanamh  agus  Dia  a  mholadh. 

Thoill  iad  e 

A  dh'  aindeoin  na  bhios  na  cumantaich 
ag  radh  mu  uachdarain  agus  mu  mhaithean 
an  t-saoghail,  nach  'eil  iad  dad  na's  fhearr 
na  iad  fhein,  ma  tha  iad  cho  maith,  tha  iad 
anabarrach  gaolach  air  an  cur  anns  a' 
Chathair  aig  cruinneachadh  air  bith  a  bhios 
aca.  Chan  'eil  e  gu  mtighadh  ciod  a' 
choinneamh  a  bhios  ann,  Bazaar,  no  Mod, 
no  cuirm-chiiiil,  no  coinneamh-mhor  eaglais, 
no  gnothuch  Parlamaid,  feuchar  ri  duinc- 
mor  no  bean-uasal  fhaotainn  aor  son  na 
Cathrach,  Diuc  no  ban-Diuc,  ma  ghabhas 
e  deanamh,  agus  mur  gabh,  larla,  no  Moraiv, 
no  Ridire,  gus  mu  dheireadh  an  gabhar 
Probhaist-baile,  mur  bheil  na's  fhearr  li 
fhaotainn. 

Na'n  robh  iad  freagarrach  air  dhoigii 
eile  bhiodh  so  iomchuidh  gu  leoir,  oir  tha 
e  ceart  urram  a  thoirt  dhaibhsan  d'  aji 
dlighear  urram,  ach  air  uairean  tha  rudan 
neonach  a'  tachairt,  agus  daoine  air  an 
cur  anns  a'  Chathair  aig  Bazaars,  agus 
cruinneachaidhean  eaglais,  nach  'eil  fhios 
agad  air  an  t-saoghal  car  son  a  chuireadh 
innte  iad,  a  chionn  nach  'eil  uidh  aca  anrts 
an  obair  a  thatar  a'  cuideachadh,  no  eolas 
air  na  daoine  a  tha   'ga  cur  air  aghaidh. 

Air  a'  chuid  as  fhearr,  thainig  am  fasan 
so  o  ghliocas  saoghalta,  agus  air  a'  chuid 
as   miosa,   o  ghloir  dhiomhain. 

Bha  fhios  aig  Albainn  uile  ciod  an  seorsa 
duine  a  bha  anns  an  fhear  nach  maireann, 
an  t-Ollamh  Iain  Stiubhard  Blackie,  duine 
fiiighail  sunndach  a  bhiodh  a'  deanamh 
agus  a'  seinn  oran,  agus  aig  nach  robh  baigh 
ris  an  t-seorsa  ris  an  abrar  P?/,,s'.s'///oots. 
Bha  e  cho  eibhinn  agus  cho  inntiTmeadi 
'n  a  dhoighean  agus  'n  a  bhruidhinii  's  guin 
biodh  an  Talla  a  bu  mhotha  ann  am  bailc 
Ian  an  uair  a  chluinnteadh  gu'n  lobh  e  ri 
bhi  air  an  ard-iirlar  agus  a'  dol  a  bhruidhinn. 

Uair  a  bha  Comunn  na  Stuamachd  ann 
am  baile  araidh  air  son  coinneamh  mhoi- 
a  bhi  aca  as  leth  tur-sheachnadh  dibhe 
dh'  iarr  iad  air  an  Ollamh  Blackie  a  bhi 
air  cheann  na  coinnim.h  anns  a'  Chathair, 
agus  gun  dad  eile  's  aa  am.harc  aca  ach  gu'n 
lionadh  e  an  Talla  le  daoine. 

Bha  an  tigh  Ian,  agus  an  uair  a  dh'  eirich 
Blackie  'n  a  sheasamb  b'e  so  a'  cheud 
fhacal  a  thubhairt  e,  "  Chan  'eil  fhios  agam 


AIG  AN  UINNEIG 


car  son  a  dh'  iarradh  ormsa  a  bhi  anns  a' 
•Chathair  so  an  nochd  ;  na'n  iarradh  duine 
a  dh'  ionnsuidh  a  thighe  mi  gun  dram,  a 
thatrgsinn  dhomh  chan  abrainn  gu'm  bu 
duin-uasal  e,  no  gu'm  bu  Chriosduidh  e. 

Thoill  iad  e 

Uair  a  dh'  iarr  Comunn  Biobuill  an 
Sasunn  air  Morair  Orford  a  bhi  'n  a  Ard- 
Cheann  air  a'  Chomunn  sgriobh  e  an  litir 
so  chuca  :  "  Chuir  e  ionghnadh  agus  fearg 
orm  an  cuireadh  so  fhaotainn  uaibh,  oir 
tha  fhios  agaibh  gu  maith  an  seorsa  duine 
a  tha  annam  ;  gu'm  bi  mi  ag  iomairt  air 
son  airgid  ;  a'  cur  gheall  air  reiseadh  each  ; 
ag  61  agus  a'  mionnachadh.  Ged  nach  'eil 
dad  dheth  so  an  ain-fhios  dhuibh  dh'  iarr 
sibh  orm  a  bhi  'n  am  cheann  air  Oomunn 
Biobuill  m.ar  gu'm  bithinn  freagarrach  air 
a  shon.  Gu'n  tugadh  Dia  maitheanas 
dhuibh,  a  chealgairean." 

Cha  robh  am  Morair  ro  shiobhalta,  ach 
thoill  iad  e. 

Mo  dhachaidh 

Bha  am  fear  nach  maireann,  Calum 
Mac  Pharlain,  'n  a  charaid  maith  d'  ar 
dtithaich  agus  d'  ar  canain,  ach  ged  nach 
deanadh  e  dad  eile  ach  an  t-6ran  grinn 
ud  a  sgriobhadh,  ris  an  canar  "Mo  dhach- 
aidh," b'airidh  e  air  ainm  a  chumail  air 
chuimhne.  Theagamh  nach  'eil  cuid  de 
na  facail  cho  snasmhor  's  a  dh'  iarradh  tu 
ann  am  b^rdachd  choimhlionta  ach  chan 
ann  air  a'  bhardachd  idir  a  tha  m'aire  an 
drasd  ach  air  cuspair  an  orain  agus  an 
dealbh  a  tha  e  a'  togail  fa  chomhair  na 
h-inntinn,  air  chor  agus  gu'n  toir  e  air  na 
ceudan  a  chluinneas  e  air  a  she  inn  a  shaoil- 
sinn  gur  e  iad  fhein  a  tha  dol  dhachaidh, 
agus  an  cridhe  a'  leum  le  toileachadh  an 
uair  a  chi  iad  "am  bothan  beag  glan  ud 
's  e  gealaicht'  le  aol." 

Ciod  air  bith  barail  dhaoine  eile  air, 
cha    chuala   mise   an   t-oran   so   riamh   gun 


rachd  a  thighinn  'n  am  amhaich,  no  gun 
bhuidheachas  a  thoirt  do  Dhia  gu'n  do 
chuir  e  ann  an  cridhe  Chaluim  Mhic  Pharlain 
an  t-6ran  a  dheanamh. 

Seall   thall   thar  an  aiseig   am,  fasgadh   nan 

craobh, 
Am  bothan  beag  glan  ud,    's  e  gealaicht'  le 

aol ; 
Sud  agaibh  mo  dhachaidh  :    's  i  dachaidh  mo 

ghaoil, 
Gun  chaisteal  's  an  t-saoghal  as  fhearr  learn. 

Tha  a  h-uUe  dealbh  a  tha  e  a'  toirt  fa 
chomhair  t'inntinn  maiseach  agus  simplidh 
agus  cubhraidh  le  gaol,  "  an  t-s6bhrag  's 
an  neoinean  a'  comhdach  nam  bruach," 
"  an  smeorach  's  an  duilleach  's  an  uiseag  's 
na  neoil,"  agus  "  Morag  a'  cronan  do'n 
phaisde."  Air  cho  geal  's  'g  am  bi  an  t-aol 
a  tha  air  na  ballachan  cha  dachaidh  dachaidh 
gun   mhathair,   gun  phaisde. 

Chan  fhagainn  mo  dhachaidh  's  bean-chagair 

mo  ruin 
Gu  bhi  sealbhachadh  liichairt  le  banrigh'nn. 

Urram,  ma  ta,  do  'n  duine  a  rinn  an  t-orau 
so  a  chionn  gu  bheil  e  a'  taiseachadh  cridh- 
eachan  dhaoine  eile  le  bhi  a'  cur  dachaidh 
an  oige  'n  an  cuimhne,  no  a'  meudachadh 
an  gaoil  air  am  bothan  fhein. 

Co  an  duine  as  truaighe  air  an  t-saoghal  ? 
Co  ach  esan  aig  nach  'eil  dachaidh  ghaolach. 
Ma  tha  duine  sona  'n  a  dhachaidh  agus  sona 
le  mhnaoi,  is  coma  dha  ciod  am  fuachd  a 
thachras  air  a  muigh,  no  ciod  cho  searbh 
's  a  tha  a  chrannchur  no  'obair,  oir  tha 
furan  agus  blaths  a'  feiltheamh  air  'n  a 
dhachaidh  bhig  fhein,  aig  criochnachadh 
saothair  an  la  dha. 

Ach  is  rud  neonach  e  gu'n  d'  fhag  na 
baird  Ghaidhealach  "  an  dachaidh  "  gun 
ghealachadh  gun  ghlorachadh  gus  an  robh 
e  air  a  dheanamh  le  duine  aig  nach  robh 
bean   no   clann. 


Hiroisima 


Cumhachd  chuir  Dia  mu  'n  euairt  duibh, 

Ceangailte  cruaidh  an  sas, 

Ghlac  sibh  is  rinn  sibh  suas  e 

'N  a  bhall  a  bha  luath  le  bas, 

Rinn  innleachd  bhur  daoine  e  sgaiteach 

Mar  bheithir  a'  sracadh  nan  dul. 


Rinn  gliocas  an  duine   s  a  pheacadh 
Ceudan  mile  chur  sgapte  'n  an  smur, 
Clann  agus  mnathan  is  bochdan 
Aon  tiota  gun  lochd  bha  gun  deo  ; 
Is  chunnaic  ar  Dia  Hiroisima 
Gun  dad  deth  an  tim  ach  ceo. 


An  Toiseachd. 


Calum  Mac  Gilleathain. 


5 


1946 


Anns  a'  Chathair 


THA  mi  'g  a  sgriobhadh  so  air  oidhche  na 
Sabaid,  a'  eheathranih  Sabaid  anns  a' 
Charghus,  air  am  bi  meuran  eile  de  'n  eaglais 
choitchionn  a'  cumail  cuimhne  air  math- 
raichean  agus  dachaidhean.  Tha  cuid  de 
na  laithean-feille  a  b'  abhaist  do  'n  eaglais 
a  bhi  a'  coimhead  air  an  leigeil  seachad  a 
nis,  ach  bha  rudeigin  grinn  agus  ciallach 
annta,  a  b'  fhiach  dhuinn  a  leantuinn 
fhathast. 

Air  an  t-Sabaid  ris  an  abairteadh  "  Feill 
nam.  Mathraichean  "  (Mothering  Sunday) 
bha  e  'n  a  chleachdadh  gu  'n  tigeadh  gach 
aon  de  'n  chloinn  a  bha  air  falbh  o  'n  tigh 
aig  an  cosnadh  dhachaidh  air  an  t-S^baid 
ud,  na  'n  gabhadh  e  deanamh  idir,  agus 
tiodhlac  no  tabhartas,  mor  no  beag,  aca  d' 
am  mathair.  Rachadh  an  teaghlach  uile, 
na  p^rantan  agus  a'  chlann,  do  'n  eaglais 
comhla,  agus  an  deidh  dhaibh  Dia  agus  a 
mhaitheas  dhaibh  aideachadh  bhiodh  an 
corr  de  'n  la  air  a  chur  seachad  ann  an 
caidreamh  blath,  agus  am  bord  ciiirnichte 
le  biadh  na  b'  fhearr  agus  na  bu  phailte  na 
air  laithean  eile. 

Bu  chleachdadh  maith  agus  caomhail  an 
seana  chleachdadh  so,  oir  bha  e  a'  cumail 
fa  chomhair  inntinnean  dhaoine  na  ceithir 
nithean  as  fhearr  'n  ar  beatha,  no  na  ceithir 
nithean  as  coir  dhuinn  a  chur  air  thoiseach, 
Dia,  agus  ar  dachaidh,  agus  biadh,  agus  gaol 
ar  parantan.  Chan  'eil  ann  am  beatha  gun 
Dia  ach  diomhanas  agus  campar  spioraid  ; 
chan  'eil  ann  an  duine  gun  dachaidh  ach 
duine  truagh,  faondrach  air  an  talam.h  ; 
cha  bhi  duine  beo  gun  bhiadh,  agus  cha  mho 
a  bhios  e  sona  gun  ghaol  a  theaghlaich. 

Sin  na  nithean  a  bha  anns  an  amharc  aig 
na  seann  diadhairean  a  shonraich  gu  'm 
biodh  an  Fheill  earraich  so  air  a  coisrigeadh 
do  Mhathraichean  agus  do  Mhathrachas, 
ach  tha  mi  an  dull  nach  'eil  so  air  a  chuimh- 
neachadh  an  diugh,  agus  ma  tha  an  la  air  a 
choimhead  idir,  gu  bheil  e  air  uisneachadh 
gu  bhi  a'  tarruing  aire  dhaoine  gus  an  t- 
saorsa  a  fhuair  boirioanaich  anns  a'  ghineal 
so. 

Fhuair  iad  saorsa  mhor  gun  teagamh  ; 
anns  na  seann  laithean  bha  a  bhean  air  a 
cunntas  am  measg  earras  no  maoin  a  ceile- 
posda,   mar  nach  robh   innte  ach  asail  no 


cearc,  no  caora,  a  bu  leis.  Ach  dh'  fhalbh 
na  laithean  sin,  agus  tha  a  leithid  de  shaorsa 
aig  boirionnaich  an  diugh  's  gu  bheil  eagal 
air  an  fheadhainn  as  glice  dhiubh  gu  'm 
faod  iad  a  mi-bhuileachadh. 

Chan  'eil.rud  air  an  t-saoghal  as  priseile 
na  beatha  laitheil  teaghlaich  anns  a  bheil, 
aonachd  agus  gradh  agus  co-chomunn  blath 
eadar  parantan  agus  clann,  ach  tha  doighean 
agus  fasain  an  t-saoghail  an  diugh  a'  briseadh 
nan  ceanglaichean  eadar  na  parantan  agus 
a'  chlann  air  chor  agus  gu  bheil  iad  le  cheile 
a'  gabhail  an  rathaid  fhein,  na  parantan 
gun  a  bheag  a  dh'  ughdarras  thairis  air  an 
cloinn,  agus  a'  chlann  a'  cur  seachad  gle 
bheag  d'  an  uine  'n  an  dachaidhean  fhein. 

Theagamh  nach  gabh  so  atharrachadh, 
agus  ann  an  tomhas  reusonta  nach  'eil  dad 
cearr  ann,  ach  is  e  bann  an  teaghlaich  a' 
bhann  as  sine  air  an  t-saoghal,  na  's  sine  na 
'n  staid,  na  's  sine  na  'n  sgoil,  na  's  sine 
na  'n  eaglais,  agus  bu  chall  mor  e  do  'n 
t-saoghal  gu  'm  biodh  aire  agus  gaol  agus 
dilseachd  dhaoine  air  an  toirt  do  chomuinn 
no  do  nithean  eile  air  thoiseach  air  an 
teaghlach  agus  an  dachaidh  fhein. 

An  uair  a  tha  caraid  6g  a'  seasamh  air 
beulaibh  ministeir  gu  bhi  air  am  posadh 
faodaidh  e  a  bhi  cinnteach  gu  bheil  an  aon 
dhurachd  agus  an  aon  dhochas  'n  an  cridhe — 
dachaidh  shona  a  bhi  aca.  Ach  cha  deanar 
dachaidh  shona  gun  ghliocas,  gun  sgoinn, 
gun  fein-smachd,  gun  fein-aicheadh,  gun 
oidhirp  dhian.  Gun  ghradh  cha  bhi  dachaidh 
sona,  ach  cha  dean  gradh  a  mhain  dachaidh 
shona.  Femnaidh  sicireachd  agus  tuigse 
agus  deagh  riaghladh  a  bhi  innte,  buadhan 
nach  'eil  aig  moran  dhaoine  anns  an  t- 
saoghal  so.  Tha  fada  barrachd  de  dhaoine 
laghach  anns  an  t-saoghal  na  tha  ann  de 
dhaoine  tiirail,  agus  fada  barrachd  dhach- 
aidhean  air  am  milleadh  le  cion  sgoinne 
na  tha  ^ir  am  milleadh  le  cion  gaoil.  Ged 
a  bhios  daoine,  agus  gu  sonruichte  minist- 
earan,  ag  radh  gur  e  cion  graidh  mathair- 
aobhair  nan  uile  thruaighean  ann  am  beatha 
dhaoine  anns  an  t-saoghal  so,  chan  'eil  mise 
a'  creidsinn  aon  fhacal  dheth  sin  ;  a  reir 
fiosrachadh  mo  bheatha  tha  daoine  na  's 
fhearr  'h  an  cridhe  na  tha  iad  'n  an  eanchainn 
agus  'n  an  tuigse.  « 


A'  CHOINNEAMH  URNUIGH 


Tha  sonas  agus  rian  na  dachaidh  an  urra 
ri  mathair  an  teaghlaich  na  's  mo  na  tha 
e  ri  athair  an  teaghlaich  ;  ni  boirionnach 
deanadach  sgoinneil  banas-tighe  air  fraighean 
a  tha  gle  fhalamh.  Is  aithne  dhuinn  nile 
mathraichean  a  thog  sia,  no  seachd,  no  ochd 
de  chloinn  ann  an  tigh  beag,  agus  air  tuar- 
asdal  beag  gu  glan  grinn  measail,  gun  bhi 
an  eisiomail  neach  fo  'n  ghrein,  agus  an 
aodach  air  a  dheanamh  cho  grinn  sgiobalta 
le  an  lamhan  fhein  's  nach  leigeadh  an  athair 
no  iad  fhein  a  leas  fuireach  as  an  eaglais 
no  as  an  sgoil-Shabaid  a  chionn  nach  robh 
aodach  aca.  Sin  an  seorsa  mhriathan  ris 
an  abradh  Solamh  "  bean  shubhailceach," 
a  ni  maith  d'  a  fear  uile  laithean  a  bheatha, 
agus  a  bhios  air  a  beannachadh  le  a  cloinn 
gu  brath. 

Tha  an  seorsa  so  pailt  gu  leoir  an  Albainn 
fhathast,  mathraichean  a  tha  'n  am  Banrigh 
agus  'n  am  Parlamaid  'n  an  dachaidh,  a' 
riaghladh  ann  an  gradh,  le  gliocas  agus 
sgoinn,  gun-ghuth  mor  no  droch  fhacal,  a 
chionn  gu  bheil  am  facal  d'  an  teaghlach  mar 
gu  'm  biodh  aithntean  Dhe.    Boirionnach  air 


bith  a  choisneas  dhi  fhein  an  crun  agus  an 
rioghachd  so  tha  i  a'  dearbhadh  gu  bheil 
eanchainn  agus  talantan  cho  maith  aice 
ris  an  fheadhainn  a  fhuair  M.A.  an  Dun- 
eideann  no  an  Glaschu,  ged  nach  biodh  innte 
ach  bean  treabhaiche.     ' 

Tha  mtighadh  mor  eadar  tigh-comhnuidh 
agus-  dachaidh  ;  ni  clach  agus  aol  agus 
beagan  earnais  tigh-comhmxidh,  ach  cha 
dachaidh  e  mur  bheil  e  air  a  naomhachadh 
le  aoradh  agus  iirnuigh  agus  cleachdanna 
eile  na  diadhaidheachd.  Gun  aoradh  no 
urnuigh  ann  an  tigh  ciamar  a  bhios  crioch 
araidh  an  duine  air  a  chum  ail  an  cuimhne 
an  teaghlaich,  oir  mur  bheil  iomradh  againn 
air  Dia,  ar  Cruithear,  ar  Fear-saoraidh,  agus 
ar  Breitheamh,  tha  ar  beatha  uile  diomhain 
agus  seachranach.  Is  sona  a'  chlann  a 
chuala  sgeul  an  t-soisgeil  an  toiseach,  agus 
a  dh'  ionnsaich  mu  Dhia  agus  mu  Chriosd, 
o  'n  athair  agus  o'm  mathair.  Tha  eifeachd 
agus  cumhachd  ann  am  facal  an  Tighearn 
ann  fein,  ach  tha  a  chumhachd  sin  air  a 
diiblachadh  agus  air  a  la-ibleachadh  an  uair 
a  tha  am  facal  sin  air  a  ttieagasg  dhuinn  ann 
an  gradh  le  parantan  air  a  bheil  gaol  againn. 


A'  Choinneamh  Urnuigh 

Leis  an  Urramach  Caluni  MacGilleathain,  Conan. 


"  AM  bi  an  sluagh  a'  dol  do  'n  choin- 
neamh iirnuigh  an  so  ?  "  arsa  an  seann 
mhinistea.r  a  Baile  Dhubhthaich  ri  boirean- 
nach  an  aon^  de  na  bailtean  air  Machair 
Rois. 

"  Ce  mar  a  theid  iad  do  'n  choinneamh 
iirnuigh,"  arsa  ise,  "  mur  dean  Dia  an  cur 
ann  ?  " 

"A  bhean,"  thuirt  am  ininistear,  '"  chan 
'eil  mi  feoraich  dhiot  de  is  urrainn  Dia  a 
dheanamh  ;  ach  tha  mi  feoraich  dhiot  am 
bi  an  sluagh  a'  dol  do  'n  choinneamh- 
iirnuigh  's  a'  bhaile  so  ?  " 

Is  e  fior  sheann  leisgeal  a  bha  aig  a' 
bhoireannach.  Cha  chan  duine,  gun  ta, 
ce  mar  a  chuireas  mi  mo  spainn  'na  mo 
bhial  mur  dean  Dia  a  cur  ann  dhomh  ? 
Agus  as  eugmhais  Dhe  tha  e  cheart  cbomh 
eucomasach  do  dhuine  a  bhiadh  itheadh 
agus  a  tha  e  dha  dhol  do  'n  choinneamh 
Iirnuigh.  Thuirt  fear  de  na  diadhairean 
mora  an  Sasainn,  "  na  casan  a  bheir  chon 
na  feilleadh  thu  bheir  iad  chon  na  h-eaglais 
thu."  Bheir,  is  iad  a  bheir  gu  boidheach. 
Ach,  a  nis,  chan  'eil  agam  sa'  mheud  sin 
ach  an  rud  air  an  robh  an  romh-radh  aca, 
no  am  facal-toisich !  Far  'eil  coinneamh 
urnuigh  tha  beannachd.  Is  ann  a  bhios 
fhios  sin  aig  daoine  aig  nach  'eil  a  leithid. 


Bha  mi  an  de  a'  ceilidh  air  Calum.  Is 
ann  as  na  Hearadh  a  thainig  Calum  ged  is 
fhada  bho  dh'  fhag  e  an  ceann  garbh  sin  a 
tha  air  an  aon  eilean  mhor  air  a  bheil  Leodhas 
is  na  Hearadh.  Bha  _seanchas  againn  an 
Gaidhlig.  An  uair  a  dhealaich  sinn  thuirt 
a  bhean  gun  robh  cailleach  an  so  uair  agus 
an  uair  a  thigeadh  duine  choimhead  oirre 
aig  am  biodh  Gaidhlig  chanadh  i  anns  an 
dealachadh,  "  tha  leigheas  anns  a'  Ghaidh- 
lig."  Agus  sin  rud  a  chreideas  mi,  a  cheart 
chomh  cinnteach  agus  a  chreideas  mi  gu 
bheil  leigheas  anns  a'  ghrein.  Thainig  mi 
fhein  is  Calum  gu  bhith  seanchas  air  duine 
araid  a  bha  gle  ainmeil,  aon  uair,  anns  na 
h-eileanan  an  cois  an  t-soisgeul,  duine  aig 
an  robh  buadhan  is  talantan  nach  bu  bheag, 
duine  aig  an  robh  urlabha  chomh  maith 
agus  a  dhfeanadh  a  linn,  agus  duine  bha  'na 
sheorsa  de  fheallsanach  ri  cheird,  a'  sir-dhol. 
a  steach  an  ceist  na  Diadhachd  ged  nach 
d'  fhuair  e  riamh  moran  de  'n  rud  ris  an  can 
sinne  sgoil,  oir  is  e  pairt  de  'n  amaideas  a 
bhith  an  diiil  gur  h-ionnan  Beurla  is  sgoil 
Nam  b'  ionnan  de  a  dheanadh  na  Greu- 
gaich !  "  Bha  e,"  arsa  Calum,  "  'na  dhuine 
sgaoilte  an  uair  a  bha  e  6g."  "  Chuala  mi," 
arsa  mise,  "  gum  biodh  e  a'  sabaid  agus  ag 
61."     "  Bhitheadh,"  arsa  Calum.     "  Thainig 


SGEUL  'MU    PHLAIGH 


3 


e  turns  o'n  iasgach  agus  an  uair  a  rainig  iad 
Baile-gun-ainm.  thoisich  e  air  61.  Air  an 
rathad  dhachaidh  thainig  e  gvi  loch.  Cha 
robh  aige  de  na  rinn  e  chosnadh  ach  an 
aon  tasda^n.  Rug  e  air  an  tasdan  agus  thug 
e  urchair  dha  a  mach  do  'n  loch,  agus  e  ga 
chur  an  taobh  a  chaidh  each,  "  cha  teid 
thusa  dhachaidh  nas  motha  na  chaidh 
each !  " 

Bha  sinn  air  a  bhith  bruidheann  air  e 
bhith  'na  bhard,  agus  thuii't  Calum,  "  Rinn 
e  oran  do  the  a  bha  san  aite  agus  thainig 
a  niuinntir  a  ghearainn  air  gu  tigh  athar, 
agus  an  uair  a  thainig  e  am  fianuis  athar 
thuirt  athair  ris,  '  B'  fhearr  learn  gum  fagadh 
tu  am  baile,  ged  a  bheireadh  tu  an  saoghal 
fo  do  cheann,  a  roghainn  air  thu  bhith 
maslachadh  dhaoine  a  niuigh  's  a  stigh.' 
An  lath  iarna  mharach  thog  mo  ghaisgeach 
a  phoca  agus  thug  e  an  saoghal  fo  cheann, 
agus  aon  uair  eile  rainig  e  Baile-gun-ainm 
agus  e  nis  a'  dol  a  sheoladh.  Bha  e  fhein 
agus  companaich  a  bha  aige  a  falbh  na 
sraide  gus  an  robh  iad  sgith,  agus  iad  a' 
fuireach  ri  bata  a  bheireadh  an  t-aiseag 
dhaibh,  agus  .mo  dheireadh  thuirt  mo 
ghaisgeach  ri  each  gun  dheigheadh  iad  do 
'n  choinneamh  urnuigh  a  chur  seachad  na 
tide,  gum  faigheadh  iad  aite-suidhe  air 
a'  char  bu  lugha.  Cha  robh  iad  deonach, 
ach  dhearg  e  orra  agus  chaidh  iad  ann. 
Agus  thachair  rud.  Chaidh  mo  ghaisgeach 
iompachadh."  Ma  is  e  atharrachadh  a 
thighinn  air  duine  iompachadh,  chaidh  iom- 


pachadh. Bha  fhios  aig  an  t-saoghal  Leodh- 
asach  is  .Hearach  air  sin  an  iiine  nach  robh 
fada.  An  uair  a  thainig  iad  a  mach  as  a' 
choinneamh  thuirt  e  ri  each,  "  Gabhaibh 
mo  leisgeal,  eh  an  'eil  mise  dol  nas  fhaide," 
agus  thill  e  dhachaidh.  Aig  an  ath  choman- 
achadh  bha  e  aig  ceann  suidheachain  'na 
fhear  aideachaidh  ;  agus  bha  an  nighean 
a  mhaslaich  e  i  fhein  'na  suidhe  aig  ceann 
eile  an  t-suidheachain.  "  D'  oibre-sa  Dhe 
ce  h-ioghantach." 

A  nis  so  a'  cheist.  De  a  bha  air  tachairt 
an  oidhche  ad  sa'  bhaile  bha  sud  mur  biodh 
a'  choinneamh  ad  ann  ?  Co  aige  tha  fhios. 
Is  iomadh  rud  a  dh'  fhaodadh  tachairt. 
Is  docha  gun  robh  duine  boehd  le  ardan 
agus  le  dubhslan  air  aiseag  a  ghabhail  agus 
air  a  dhol  bhuaidhe  builleach.  Cosnadh 
is  61,  61  is  buaireadh,  buaireadh  is  sabaid, 
agus,  mu  dheireadh,  an  t-slainte  briste 
agus  an  eitig  an  dan.  Is  iomadh  rud  a  dh' 
fhaodadh  tachairt.  Ach  thachair  sid.  Agus 
de  an  taobh  o'n  tainig  an  solus  thige  ?  Anns 
an  t-seinn  ?  Ola  cheart  chomh  d6cha. 
Anns  an  urnuigh,  seadh,  agus  cuideigin 
le  a  naire  an  uachdar  air  fhein  ag  oidhirpeach- 
adh  air  urnuigh  a  dheanamh  1  Le  facal 
o  dhuine  eile  a  bha  deanamh  searmon  beag 
agus  e  ail  dan  da  a  dhol  dhachaidh  gle  mhi- 
thoilichte  leis  ?  Ach  eo  aige  tha  fhios. 
Thachair  sid.  Agus  thachair  tuilleadh  is 
tuilleadh  eile  anns  na  Hearadh  air  a 
thailibh ! 


Sgeul  mu  Phlaigh 


Le    Niall  Mac-an-Tuairnear,   F.R.H. 


Drinishadair  ma  Hearadh. 


THAINIG  cunntas  eagalaeh  a  nuas  d'  ar 
n-ionnsaigh  mu  phlaigh  uamhasaich  a  thug 
sgrios  CO  mor  air  Eirinn  bho  chionn  coig 
cheud  bliadhna.  Tha  iomadh  sgeul  mhula- 
dach  ri  fhaotainn  mu  thimchioll  an  sgrios 
agus  am  fasaehadh  a  rinn  an  galair  so  a 
thoirt  air  cearna  mhdir  de  'n  dtithaich. 
Bha  an  galar  so  co  gabhailteaeh,  sgaoilteach, 
's  gu  'm  b'  abhaist  ieo,  nuair  a  bhuaileadh 
e  neach  air  bith,  an  t-aon  sin,  ged  a  b'  e  am 
mac  no  an  nighean  bu  ghradhaiche  's  an 
teaghlach  a  chur  a  mach  as  an  tigh — -an  cur 
ann  am  bothan  le6  fhein,  agus  soitheach 
Ian  uisge  dltith  dhoibh,  maille  ri  builionn 
arain,  's  air  am  fagail  an  sin  gu  basachadh  ; 
agus  an  deidh  basachadh  's  gann  a  dhuraich- 
deadh  na  cairdean  bu  dliiithe  misneach  a 
ghabhail  an  cuirp  a  chur  fo  'n  iiir.  Bu 
deisinneach  eagalaeh  a  leithid  so  ;  ach  mar 
a  thubhairt  lob,  "  gaeh  ni  a  ta  aig  duine, 
bheir  e  air  son  anama." 


Bha  aig  an  am  so  teaghlach  ard  measail 
an  Eirinn  ris  an  abradh  iad  Mac  Cellie  Mor 
— -teaghlach  eo  cumhachdach  's  a  bha  an 
ceann  mu  dheas  na  h-Eirinn.  Bha  iad  a 
ch6mhnuidh  ann  an*  Caisteal  Dubh  na  h- 
Innse.  Bha  esan  a  bha  aig  an  am  air  ceann 
an  teaghlaich  na  dhuine  borb,  colgarra, 
fiadhaich  anabarrach  uaibhreach,  danarra, 
dicrasach,  gun  suim,  gun  truas,  gun  iochd 
do  bhochd  no  nochd,  ach  'n  a  chulaidh- 
eagail  do  gaeh  aon.  Bha  teaghlach  mor 
aige  ach  bha  a  h-aon  diubh  d'  am  b'  ainm 
Ulic  do  'n  d'  thug  e  baigh  is  speis  os  cionn 
chaich. 

An  Ramailear 

Bha  anabarr  graidh  aig  Mac-Cellie  a' 
Chaisteil  Duibh  air  Ulic.  Bha  e  'n  a  fhleas- 
gach  dreachmhor  ri  amharc  air.  Cha  robh 
eadar  da  mhaoil  na  h-Eirinn  uasal  6g  bu 
dreachmhoire     cruth    is    dealbh.     Thug    e 


SGEUL    MU    PHLAIGH 


gradh  do  dh'  iomad  oighe  is  gruagach  uasal 
riomhach,  ach  b'  ann  cbum  am  mealladh. 
Cha  robh  bold  do  gealladh,  gu  bbi  dileas 
seasmhach  doibh  nach  tugadh  e,  's  cha  robh 
gealladh  no  bold  nach  bristeadh  e. 

B'  ann  de  na  maighdeanan  6g  a  mheall 
e  mar  so  's  a  threig  e,  Una  a'  Ghiinn  Uaine. 
Bha  an  ailleag  so  a'  tamh  maille  r'a  brathair, 
triath  Bhaile  cholm. 

Thug  giulan  Ulic,  agus  mar  a  thachair 
do  dh'  Una  aillidh,  mor  nane  air  an  teagh- 
lach  ;  's  bha  fearg  eagalach  air  a  brathair. 
Bha  fadal  orra  aicheamhail  a  bhi  aca  air 
son  mar  a  rinneadh  a  mealladh  le  foill. 
Chuir  iad  romhpa  dioghaltas  a  ghabhail  a' 
cheud  chothrom  agus  dh'  fheuch  iad  coth- 
rom  fhaotainn  ;  ach  bha  esan  furachail  's 
'g  an  seachnadh. 

Ach  thachair  gii  'n  do  thoilich  freasdal 
an  Ti  is  airde  Ulic  a  bhualadh  leis  a'  phlaigh. 
Thog  'athair  colgarra  a  ghuth,  is  ghul  e  gu 
goirt.  Chluinnteadh  a  chaoidh  's  a  ghearan, 
's  a  ghlaodhaieh,  's  a'  chaisteal  mar  neach 
air  a  bhreathal,  agus  's  ann  da-rireadh  mar 
sin  a  bha  e.  "A  mhic,  a  mhic  !  "  ars  esan — 
"  a  chuisle  mo  chridhe,  annsachd  m'  anama, 
neart  mo  thighe,  mo  chul-taic,  mo  dhochas, 
uaill  mo  chridhe !  Ciod  so,  Uilic,  a  ghaoil 
's  a  ghraidh,  a  thachair?  Oigfhir  a'  chuil- 
dualaich,  a  fhleasgaich  nan  duala  donna ! 
aig  an  robh  guth  mar  cheol  an  uisge  bhorbh- 
anaich  bhinn  do  cheum  mar  cheum  an  fheidh 
chabraich  's  a  bheinn !  Cha  chuirear  thusa, 
annsachd  mo  chridhe,  a  mach  a  ciasteal  t' 
athar,  cha  chuirear  mo  mhac  gu  basachadh 
ann  am  bothan  na  beinne  leis  fein.  Cha 
dealaich  mi  riut  Ulic !  " 

Teaghlach  roinnte 

Ach  dh'  eirich  an  teaghlach  uile  suas  an 
aghaidh  an  athar.  "  An  e,"  ars  iadsan, 
"  gu  'n  tugadh  tu  a'  phlaigh  oirnn  uile  air 
son  Ulic  ?  An  leig  thu  leinn  uile  basachadh, 
seach  esan  a  chur  a  m«.ch  ?  " 

Labhair  iad  uile  ;  's  mu  dheireadh,  ged 
bu  chruaidh  a'  chilis,  cho-aontaich  an  seann 
duine.  Thogadh  air  falbh  Ulic.  Ghiulanadh 
a  mach  e  gu  taobh  cncic,  an  sealladh  a' 
chaisteil  ;  agus  thogadh  bothan  de  dh' 
ihiodh  nan  craobh,  air  a  chomhclachadh  le 
luachair,  anns  an  do  chuir  iad  e  'n  a  shineadh 
air  leabaidh  rainich. 

Chuireadh  soitheach  uisge  agus  builionn 
arain  ri  thaobh  agus  dh'  fhagadh  e  an  sin 
gu  basachadh  leis  fein,  gun  charaid,  gun 
bhana-charaid,  gun  athair,  gun  mhathair, 
gun  lighiche  gun  mhuime.  Tha  Ulic  6g  an 
sin  ail-  a  threigsinn,  fada  bho  cheol,  is  61, 
is  siigradh,  air  an  robh  a  chridhe  iomadh 
uair  an  geall.     Fada  bho  fhuaim  na  seilg. 


is  iomairt  arm,  tha  e  an  so  air  a  threigsinn, 
gu  basachadh  fo  'n  tinneas  uamhasach,  gun 
aon  chuimhne,  gun  aon  smuain,  chum 
fuasgladh  a  thoirt  d'  a  anam  iomaganach. 

An  uair  a  threig  Ulic  an  oigh  aillidh  6g, 
Una  chaomh,  cha  chuala  cluas  i  ri  gearan. 
Aon  ghuidhe  an  aghaidh  an  fhir  a  mhill  i 
cha  d'  thainig  a  mach  as  a  beul.  Bha  i  air  a 
h-irisleachadh  gu  duslach  na  talmhainn,  a 
cridhe  6g  air  a  sgaineadh,  's  a  cairdean  gu 
leir  ag  amharc  sios  oirre  le  tair.  Ach  fhuair 
i  am  air  aithreachas,  threig  i  an  saoghal, 
agus  aim  an  uaigneas  dh'  iarr  i  bho  Dhia 
na  dhiult  an  saoghal  a  thoirt  dhi.  Ged  .  a 
chuir  a  h-athair  talmhaidh  a  chul  rithe,  cha 
do  chuir  Esan  a  chruthaich  's  a  dhealbh  i. 
Ged  a  rinn  a  braithrean  saoghalta  tair  oirre, 
dh'  fhiosraich  i  cairdeas  is  iochd  uaithe-san 
a  sheasas  na  's  dliiithe  na  aon  bhrathair. 
Thug  i  o  iochdar  a  cridhe  Ian  mhaitheanas 
do  dh'  Ulic  cealgach,  agus  gu  trie  ghuidh 
i  gu  'n  tugadh  Dia  maitheanas  da.  Cha  do 
chuir  a'  phlaigh  eagal  oirre  ;  cha  do  sheach- 
ainn  i  aon  aite  's  an  robh  i,  no  aon  .neach 
a  bha  a'  basachadh  leatha.  Chaidh  i  mach 
a  latha  's  a  dh'  oidhche,  a'  frithealadh 
dhoibhsan  a  bha  a'  fulang.  Fo  theas  is  fo 
fhuachd,  fo  thuradh  's  fo  dhile,  cha  deach- 
aidh  stad  air  Una,  ach  a',  rannsachadh  a 
mach  nam  feadhna  a  bha  air  an  treigsinn 
le  'n  cairdean  's  a'  freasdal  doibh.  Chiteadh 
i  le  soitheach  uisge  is"  builionn  arain,  a' 
siubhal  o  aite  gu  aite,  mar  aingeal  throcair- 
each,  ag  iarraidh  faochadh  is  fuasgladh  a 
thoirt  do  gach  aon  air  an  rcflbh  dith. 

Thug  so  air  a  cairdean  a  seachnadh. 
Dhruideadh  dorus  tighe  a  h-athar  oirre  ; 
•'s  cha  tigeadh  neach  eadar  i  's  gaoth  nan 
speur,  air  eagal  an  galar  gabhailteach  a 
ghlacadh  uaipe  mu  'n  robh  i  fein  co  suarach. 

An  gaol  laidir 

Chual  i  mar  a  thachair  do  dh'  Ulic,  esan 
a  mheall  's  a  threig  i,  's  a  thug  naire  is 
bristeadh-cridhe  dhi.  Chual  i  gu  'n  robh 
e  a'  basachadh  ann  am  bothan  beag  anns 
nach  cuireadh  e  fein  bho  chionn  ghoirid  a 
choin- seilg.  Ghrad  dhi-chuimhnich  i  gach 
olc  is  eucoir  a  rinn  e  oirre.  Ghlac  caomh- 
alachd  is  trocair  is  iochd,  Ian  chumhachd 
thairis  air  a  h-anam.  Bha  tobar  graidh  'n 
a  cridhe  :  ged  a  bha  e  air  a  dhruideadh,. 
gidheadh  nach  .do  thraoigh. 

Ghreas  i  dh'  ionnsuidh  an  aite  'n  robh 
an  t-uasal  truagh  a'  basachadh  'n  a  bhothan 
aonarach,  gun  charaid,  gun  dochas.  "  Rui- 
gidh  mi."  ars  ise,  "  an  t-^ite  :  bithidh  mi 
dluth  dha.  Taisichidh  mi  a  bheul,  mur 
dean  mi  barrachd.  Bheir  mi  dha  de  dh' 
uisge  an  fhuarain.    Guidhidh  mi  air  a  shon. 


LITRICHEAN  SPURGEON 


Agus  CO  aig  am  bheil  fios,  ma  thainig  an 
nine  sh6m:"aichte,  ma  thainig  am  a  bhais, 
CO  aig  a  bheil  fios  nach  dean  mo  spiorad-sa 
imeachd  maille  ris  an  spiorad  aige-san  ? 
's  ged  nach  robh  sinn  air  ar  n-aonadh  ri 
cheile  'n  ar  beatha,  theagamh  gu  'm  faod 
so  tachairt  an  am  bais." 

Air  an  la-maireach  thog  i  oirre  thairis 
air  a'  mhonadh  fharsuing  a  bha  eadar  tigh 
a  brathar  agus  Caisteal  Dubh  na  h-Innse. 
Thainig  i  am  fradharc  a'  bhothain  's  an  robh 
Ulic.  Chaidh  i  stigh  ;  ach  ciod  a  thubhairt 
ise  no  fhreagair  esan,  cha  chualas  le  cluais 
chruithichte. 

Chunnacas  i  le  iomadh  aon  latha  an  deidh 
latha  a'  tm'aman  aig  dorus  a'  bhothain 
agus  a  da  laimh  gheala  bhoidheach  paisgte 
tarsuing  air  a  h-uchd. 

Bha  i  'n  sin  latha  is  latha,  ach  cha  deach- 
aidh  aon  neach  a  labhairt  rithe.  Mu  dheir- 
eadh  mhothaich  daoine  nach  robh  i  a' 
gluasad  ;  'n  a  suidhe  air  cloich,  a  ceann  air 
a  gltin  's  a  h-aodann  air  a  thionndadh  ri 
taobh  a  stigh  a'  bhothain.  Chunnacas,  mu 
dheireadh,  na  fithich  ag  itealaich  mu  'n 
aite  ;  agus  chualas  roc  nan  eun  lonach 
chiocrach  so  a'  tighinn  air  oiteig  na  h- 
oidhche.  "  Tha  Ulic,  mac  Mhic-Cellie  mhoir 
air  caochladh,"  arsa  gach  aon. 

"  Cha  chreid  mi  gu  bheil,"  arsa  feadhainn 
eiie  ;  "  mothaich,  cha  d'  fhuair  fitheach  no 
rocas  a  stigh  air  dorus  a'  bhothain  fhathast." 

Ach  thubhairt  neach  eile,  "  Bha  mise  a' 
gabhail  beachd  air  an  aite,  is  thug  mi  fainear, 


a  h-uile  uair  a  dh'  fheuch  an  t-eun  granda 
ciocrach  dol  a  stigh,  gu  'n  robh  ni-eigin  mar 
bhreid  gheal  air  a  thogail  's  air  a  chrathadh, 
a  dh'  fhuadaich  na  fithich  air  falbh." 
Bheachdaich  iad  uile  air  an  la-maireach, 
ach  cha  robh  am  breid  geal  a'  gluasad. 
Chaidh  iad  dluth. 

Bha  Una  an  sin  'n  a  h-aonar,  ach  bha 
Ulic  marbh.  Ghlaodh  iad  air  Una  eiridh 
is  tighinn  air  falbh.  SmMd  iad  oirre,  ach 
cha  do  fhreagair  i.  Thainig  a  brathair ; 
chaidh  e  dh'  ionnsuidh  an  aite  ;  chuir  e  a 
lamh  air  a  gualainn,  is  thubhairt  e  rithe, 
"  Una,  a  phiuthar  mo  ghaoil!  thig  dhach- 
aidh.  Eirich  is  thig  maille  rium  ;  eirich  is 
fag  an  t-aite  so.  Thainig  breitheanas  airsan 
a  mheall  thu  's  a  thug  naire  air  teaghlach 
t'  athar."  Ach  cha  d'  thubhairt  Una  diog  ; 
cha  chualas  osann  no  glaodh;  Dh'  amhairc 
a  brathair  'n  a  h-aodann,  ach  bha  i  gun 
deo  !    Chaochail  ailleag  nan  iomadh  buaidh ,! 

Bha  a'  phlaigh  a  nis  air  casg  's  an  dtithaich. 
Chruinnich  tuath  _an  da  theaghlaich  's  an 
cairdean,  chladhaich  iad  uaigh  ami  an 
Cill-an-daraich  (Kildare)  agus  charaich  iad 
iad  taobh  ri  taobh.  Chuireadh  an  t-aon 
leac  thairis  orra.  Loisgeadh  am  bothan  agus 
ni  iongantach  ri  aithris  chinn  da  chraobh 
ard  's  an  larach  aige  a  tha  air  an  leigeil  ris 
gus  an  latha  'n  diugh  fo  ainm  craobh  Ulic 
agus  craobh  Una. 

"  Gradh  as  motha  na  so  chart  'eil  aig  neach, 
gu  'n  leigeadh  duine  a  bheatha  sios  air  son  a 
chairdean." 


Litrichean  Spurgeon 


DH'  fhaodadh  na  daoine  a  bhiodh  a'  faotainn 
litrichean  bho  Spurgeon  a  bhi  'n  a  chomain 
air  son  aon  ni  co  dhiubh — bha  iad  furasda  an 
leughadh.  Bha  lamh-sgriobhaidh  anabarrach 
maith  aige,  agus  cha  do  leig  e  ruith  le  laimh 
eadhon  anns  na  bliadhnachan  a  bha  moran 
sgriobhaidh  aige  'g  a  dheanamh.  Chan  'eil  e 
siobhalta  do  dhuine  litir  a  chur  gu  duine  eile 
a  tha  duilich  a  leughadh.  Ach  is  trie  a  tha  sin 
air  a  dheanamh.  Ciod  air  bith  a  their  thusa, 
a  leughadair,  chan  urrainn  mise  gun  droch 
bharail  a  ghabhail  'n  am  inntinn  fein  air  divine 
a  sgriobhas  ainm  aig  bonn  litreach  cho  cam, 
spagach,  neo-shoilleir,  's  nach  'eil  e  furasda 
dhomh  a  dlieanamh  a  mach  c6  e. 

Gus  an  do  thog  mi  an  leabhar  so  an  diugh 
cha  robh  cuimhne  agam  gu'n  do  chaochail 
Spurgeon  cho  6g  ;  cha  robh  e  ach  seachd  deug 
is  da  fhichead  bliadhna  an  uair  a  shiubhail  e. 
Ach  bha  e  os  cionn  da  fhichead  bliadhna  anns 
a'  mhinistrealachd,  is  liubhair  e  barrachd 
shearmon  na  duine  eile  de'n  ghineil  ud. 


Cha  robh  e  seachd  bliadhna  deug  a  mach 
an  uair  a  thoisich  e  air  searmonachadh,  agus 
o'n  cheud  la  a  thoisich  e,  tharruing  e  aire 
dhaoine  is  dh'  eisd  a'  mhor-chuideachd  ris 
le  toileachas. 

Anns  na  litrichean  a  sgriobh  e  ann  an 
laithean  oige  tha  mi  ag  ionndrainn  aon  ni,  an 
t-abhacas  agus  a'  gheiread  agus  an  gliocas  a 
bha  'n  a  briathran  an  uair  a  bha  e  aig  airde  a 
bhuadhan.  Ach  anns  na  laithean  ud  bha  e 
'g  a  ullachadh  fein  air  son  a  dhreuchd,  agus 
a'  gluasad  gu  failidh  mar  neach  a  bha  cud- 
throm  an  t-saoghail  air  a  ghuaillean.  Dh' 
abuich  inntinn  Spurgeon  anabarrach  trath  ; 
bha  seana  cheann  air  na  guaillean  6ga,agus 
a  thaobh  fiosrachadh  spioradail  rainig  e  ire 
aig  fichead  bliadhna  nach  ruig  daoine  eile 
gus  am  bi  an  ceann  Hath.  So  te  de  na 
litrichean  a  sgriobh  e  gu  athair  'n  a  shia 
bliadhna  deug. 


6 


LITRICHEAN  SPURGEON 


"  An  dara  la  deug  de'n  Mhart,  1850. 
Athair  ghaolaich, 

Moran  taing  dhuibh  air  son  'ur  litreach  ; 
thoiribh  mo  bheannachd  agus  mo  ghaoL  do 
mo  mhathair. 

Aig  a'  choinneamh  mu  dheireadh  a  bha 
aig  na  braithrean  bha  m'  ainm  air  a  chur  air 
am  beulaibh  gus  a  bhi  air  mo  gliabhail  a 
steach  do'n  eaglais  mar  bhall.  Tria  mi  an 
dochas  gu'm  bi  mi  a  nis  na's  faiceallaiche  na 
bha  mi  riamh,  agus  na'.s  trice  air  mo  ghltiinean 
ag  nrnuigh.  Ciamar  a  b'  urrainn  Criosduidh 
a  bhi  sona  mur  biodh  dearbhachd  aige  gur 
e  Criosd  a  bheatha  agus  gu'n  cum  an  Tigh- 
earna  suas  e.  Cha  ghabhainn-sa  an  ceum 
so  air  son  an  t-saoghail  m.ur  biodh  fhios 
agam  gu  bheil  Buachaille  Israeil  'g  am 
dhion  agus  'g  am  ghleidheadh  a  ghnath. 
Tha  tirnuigh  dhomh  a  nis  mar  bha  cioch  mo 
mhathar  dhom.h  'n  am  leanabh.  Ged  nach 
,'eil  an  aon  chail  agam  do  urnuigh  daonnan 
tha  fhios  agam  nach  tig  mi  beo  as  eugmhais 
a  bhi  'g  urnuigh.  Theid  aig  duine  air  dol 
seachad  air  Slochd  an  Eu-dochais  fein  le 
lorg  na  h-urnuigh  agus  le  creideamh.  An 
uair  a  b'isle  mo  chreideamh,  bhoidich  mi 
gu'n  tugainn  mo  ghradh  uile  do  Chriosd, 
ged  nach  biodh  aon  ghath  soluis  agam  agus 
ged  nach  biodh  aon  chomhfhurtachd 
spioradail  aig  m'  anam  ;  seadh  ged  a  bhithinn 
air  mo  chall  gu  siorruidh,  bhoidich  mi  gu'n 
gradhaichinn  esan  agus  gu'm  feuchainn  r'a 
aitheantan  a  choimhead." 

Anns  na  litrichean  a  sgriobh  e  gu  athaii- 
agus  gu  mhathair  'na  ghille  6g  tha  moran  mu 
bhaisteadh.  Cha  b'e  Baisteach  a  bha  'n 
a  athair,  ach  ged  bha  taobh  aig  Tearlach 
Spurgeon  ris  na  Baistich  a  chionn  gu'n  do 
nochd  cuid  dhiubh  coibhneas  dha,  agus  gu'n 
do  theagaisg  iad  e  ann  an  nithean  spioradail, 
cha  bu  mhaith  leis  a  bhi  air  a  bhaisteadh  gun 
cead  agus  beannachd  athar  fhaotainn.  Ach 
ged  bha  e  a'  creidsinn  gu'm  bu  choir  do 
dhaoine  a  bha  ag  aideachadh  an  Tighearna 
a  bhi  air  am  baisteadh,  cha  do  theagaisg  e 
riamh  nach  teid  do  neamh  ach  Baistich.  So 
litir  cho  laidir  's  a  sgriobh  e  mu  bhaisteadh  ; 
bha  i  air  a  sgriobhadh  gu  brathair  athar." 

"  Cambridge,  Sept.  27,  1853. 
Tha  aobhar  no  dha  agam  a  bhi  sgriobhadh 
chugaibh  an  drasd.  Tha  seirbhis  bhaistidh 
ri  bhi  againn  air  an  naoieamh  la  deug  de 
October,  agus  bhiodh  e  'n  a  thoileachadh 
mor  dhomh  sibhse  fhaicinn  a  leantuinn  'ur 
Maighstir  anns  an  uisge.  Cha  toigh  leam  a 
bhi  bruidhinn  mu  bhaisteadh  ro  thric,  air 
eagal  gu'n  saoil  daoine  gu  bheil  mi  a'  toirt 
aite  dha  'n  am  theagasg  nach  buin  dha  gu 


dligheach.  Ach  tha  fhios  agam  gu  bheil 
gradh  agaibh-sa  do  Chriosd,  agus  a  chionn 
gu  bheil  tha  mi  a'  cur  impidh  oirbh  an  ceum 
sonraichte  so  'n  'ur  bheatha  spioradail  a 
ghabhail  air  a  sgath-san.  Nach  dean  sibh 
an  aon  ghniomh  so  air  a  shon !  Ged  nach 
iarradh  Criosd  orm  ach  mo  liidag  a  thogail, 
mur  dean  mise  sin,  tha  e  a'  dearbhadh  gu 
bheil  fuachd  air  tighinn  'n  am  ghradh  dha  ; 
agus  faodaidh  mi  bhi  cinnteach  gu'm  fulling 
mi  call.  Cha  labhair  m.i  ruibh-se  mar  neach 
aig  a  bheil  iighdarras  thairis  oirbh,  ach  tha 
mi  a'  guidhe  oirbh  mar  'ur  caraid  agus  'ur 
daimheach  aig  a  bheil  gaol  oirbh,  gun  an 
aithne  so  a  dhichuimhneachadh  a  thugadh 
dhuinn  le   Criosd. 

Faodaidh  sibh  so  a  leigeil  fhaicinn  do  mo 
sheanair,  ma  thoilicheas  sibh,  oir  seasaidh  an 
fhirinn  i  fein  daonnan,  co  dhiu  a  ghabhas 
daoine  rithe  no  nach  gabh.  Agus  tha  na 
sgriobh  mi  mu'n  bhaisteadh  fior,  oir  tha 
e  air  fhiollseachadh  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh. 

Ach  theagamh  gur  fhearrdhuibh  gun  ghuth 
a  radh  ris,  oir  chan  'eil  dochas  agam  gu'n 
atharraich  dad  a  their  mise  a  bheachdan-san, 
agus  chan  'eil  feum  sam  bith  ann  a  bhi 
sparradh  bheachdan  air  daoine  nach  dean 
ach  am  bioradh  no  fearg  a  chur  orra.  Bu 
mhaith  leam-sa  a  bhi  reidh  ris  na  h-uile 
dhaoine  a  tha  'n  an  Criosduidhean,  co  dhiu 
is  ann  de  chuideachd  Chalvin  iad,  nO  de 
chuideachd  Arminius,  no  de  chuideachd 
Wesley  ;  co  dhiubh  a  tha  iad  Saor  no  Daor, 
anns  an  eaglais  no  anns  an  t-seapall  ;  ach 
ged  tha  mi  cinnteach  gu  bheil  cuid  dhiubh 
a  fhuair  binn  am  bais  cheana  chan  'eil  e 
mar  fhiachaibh  orm  beatha  ur  a  chm  annta 
le  dol  a  chonnsachadh  riu." 

Bha  da  mhac  aig  Spurgeon  ;  is  ann  thuca- 
san  a  bha  cuid  de  na  litrichean  as  blaithe  agus 
is  caomhaile  anns  an  leabhar  air  an  sgriobh- 
adh. Bha  an  dithis  a'  searmonachadh  an  t- 
soisgeil,  rud  a  thug  solas  mor  do  chridhe  an 
athar.  Anns  na  comhairlean  a  thug  e  orra 
chithear  am  meas  a  bha  aige  air  eolas  agus 
air  dian-shaothair  ann  an  dreuchd  na  minis- 
trealachd.  Bha  grain  eagallach  aige  air 
leisg  agus  air  daoine  leasg  ;  bha  e  fhein  ag 
obair  gun  sgur  is  chan  'eil  teagamh 
nach  e  meucl  a  shaothrach  agus  aireamh  neo- 
chuimseach  nan  uairean  a  bha  e  ag  obair 
a  bhris  a  shlainte.  Theagamh  gu'n  cuala  mi 
e  roimhe,  ach  cha  robh  cuimhne  agam.  air 
gus  an  do  leugh  mi  a  litrichean  gu  robh 
slainte  Spurgeon  cho  dona  an  deireadh  a 
bheatha,  agus  gu'm  biodh  e  a'  dol  cho  trie 
do  cheann  a.  deas  na  Frainge  a  ghabhail 
fois. 


LITMCHEAN  SPURGEON 


Chan  e  aon  litir  a  tha  annS  na  leanas  ;  tha 
e  air  a  tharruing  a  leth-dusan  no  an  corr  de 
na  lithrichean  a  sgriobh  e  gn  Tearlach  agus 
gu  Tomas,  a  mhic. 

"  Fag  nithean  leanabail  as  do  dheidh  agus 
cuir  ort  t'  armachd  a  dheanani.h  obair  duine 
anns  an  t-saoghail.  Mar  is  deine  a  dh' 
oibricheas  tu  'n  ad  oige  is  ann  as  lugha  a 
bhios  agad  ri  dheanamh  suas  an  deidh 
laimhe  ;  ciod  air  bitli  a  bhios  tu  ris  cuir 
t'  uile  chridhe  agus  t'  uile  neart  ann.  Leugh 
oibrichean  nan  diadhairean  ann  an  laithean 
t'  oige  agus  lean  air  an  leughadh.  Gu 
sonraichte  leugh  oibrichean  Matthew  Henry 
m'  am  pos  thu,  oir  bhiodh  eagal  orm  mur 
dean  thu  e  m'am  pos  thu,  gu'n  teid  lacob 
foidhe. 

Tha  eolas  feumail  anns  a'  nihinistrealachd  ; 
theid  aig  duine  air  searmonachadh  gun 
eolas,  ach  cha  bhi  a  shearm.onachadh  cho 
niaith  's  a  bhitheadh  e  na'n  robh  eolas  aige. 
An  uair  a  bhios  duine  bliadhnachan  ann  an 
obair  na  ministrealachd  bidh  aithreachas 
air  nach  d'  ullaich  e  e  fein  na  b'  fhearr  air 
a  son.  Nach  e  Dia  a  chuir  an  t-urram  orm-sa 
dithis  mhac  a  thoirt  dhonih  a  tha  searmon- 
achadh an  t-soisgeil  le  cumhachd.  Tha  mo 
chupan  Ian. 

An  uair  a  bhios  duine  a'  dol  o  aite  gu  aite 
tachraidh  daoine  neonach  air,  daoine  nach 
fhearr  na  gobhar  no  asail.  Thachair  iomadh 
gobhar  is  asail  orm-sa  re  m.o  chuairt  air 
thalamh,  ach  thug  bean-uasal  a  thachair  orm 
an  San  Remo  barr  air  uile  mhnathan  an 
dom.hain  a  thaobh  glaoicealachd.  Thuirt 
i  gu'm  bu  duilich  an  rud  e  gur  e  ludhach 
a  bha  anns  an  Tighearna  losa !  An  uair  a 
dh'  fheoraich  mi  dhith  am  b'  fhearr  leatha 
e  bhi  'n  a  Shasunnach,  thuirt  i  nach  e  sin  a 
bha  i  a'  ciallachadh  idir,  ach  gu'm  bu  mhor 
an  diobhail  e  a  bhi  'n  a  ludhach  ;  gu'm  biodh 
a'  chuis  moran  na  b'  fhearr  na'n  robh  e  'na 
Chriosduidh,   coltach  ruinn  fein." 

Aig  am  sonraichte  d'a  bheatha  bha  moran 
dhaoine  anns  an  diithaich  so  leis  nach  bu  toil 
na  doighean  a  bha  aig  Spurgeon  ;  bha  iad  an 
diiil  gu'm  biodh  e  ag  radh  agus  a'  deanamh 
rudan  neonach  air  ghaol  aire  an  t-sluaigh  a 
tharruing  chuige  fein.  Sin  an  t-aobhar  gu 
robh  gu  leoir  de  dhaoine  diadhaidh  an  Albainn 
agus  an  Sasunn  nach  rachadh  'g  a  eisdeachd, 
agus  gu'n  robh  a  naimhdean  agus  na  paipea,r- 
an  naidheachd  a'  cur  sios  air  gu  laidir  agus 
gu  nim.heil.  Bho  chuid  de  na  litrichean  so 
tha  mi  a'  faicinn  .gu  robh  e  ceart  coma  ged 
chaineadh  an  saoghal  e  ;  a  dh'  innseadh  na 
firinn  bha  e  toilichte  na  paipearan-naidh- 
eachd  a  bhi  cur  sios  air,  oir  mar  bu  mho  a 


chaineadh  iad  e,  is  ann  a  b'  fhaide  agus  a 
b'  fharsuinge  a  bha  ainm  a'  dol. 

"  Fad  bhliadhnachan  bha  na  paipearan- 
naidheachd  'g  am  bhreabadh,  ach  a  nis 
tha  iad  a'  toiseachadh  air  m'  imlich  ;  ach 
tha  am  breabadh  a  cheart  cho  maith  leam 
ris  an  imlich,  cho  fbad  's  a  lionas  iad  an 
talla  anns  a  bheil  mi  a'  searm.onachadh. 
Tha  mi  an  diiil  anns  na  laithean  so  gu'n 
lionainn  an  talla  ged  shearmonaichinn  air  a' 
mheadhon-oidhche,  agus  ged  bhiodh  cur 
sneachd  ann.  Ciod  air  bith  aite  an  teid 
mi  tha  na  miltean  'g  am  leantuinn  ;  tha  an 
sluagh  cho  dumhail  's  gur  gann  is  urrainn 
dhaibh  an  anail  a  tharruing,  is  tha  a  leithid 
de  phutadh  ann  a  dh'  fhaotainn  a  steach 
's  nach  urrainn  boirionnaich  dol  ann  gun  an 
aodaeh  a  bhi  air  a  .shrachdadh,  agus  gun 
chunnart  dol  an  eeangal.  Tha  so  a'  cur  a' 
chuthaich  air  cuid  de  na  ministearan  ;  tha 
an  Diabhol  a'  beucaich  agus  a'  burralaich  le 
feirg,  ach  tha  obair  an  Tighearna  a'  dol  air 
aghaidh  is  anamanna  'g  an  tearnadh.  Nach 
beag  tuir  a  tha  anns  an  Diabhol !  na'n  do 
leig  e  mo  shiubhal  leam  cha  bhiodh  uiread 
anamanna  luachmhor  air  an  toirt  as  a  laimh, 
ach  an  uair  a  thoisich  e  air  mo  chaineadh 
thug   e   dhomh  mo   chothrom." 

Sgriobh  cuid-eigtn  chuige  a  dli'  fhoigh- 
neachd  dheth  an  robh  e  fior  gu  robh  e  a' 
teagasg  nach  rachadh  leanaban  nach  robh 
air  am  baisteadh  do  neamh.  So  an  fheagairt 
a  chuir  e  air  ais. 

"  Cha  dubhairt  mise  aon  fhacal  riamh, 
aig  am  air  bith  de  mo  bheatha,  a  bheireadh 
air  daoine  a  shaoilsinn  gu'm  faodadh  paisdean 
a  bhi  air  an  tilgeadh  do  ifreann.  Cha  mho 
a  tha  mi  a'  creidsinn  gu'm  bi  ;  cha  tainig 
an  smuain  riamh  a  steach  orm.  Tha  mi  a' 
creidsinn  gu'm  bi  na  h-uile  naoidheana  air 
an  tearnadh  ;  is  tha  mi  am  beachd  nach  'eil 
aon  Chriosduidh  air  an  talamh  a  tha  creidsinn 
an  da-ru'eadh  gu'm  bi  leanaban  air  an  call 
gu  siorruidh  mur  do  bhaisteadh  iad.  Ma 
tha,  tha  an  duine  sin,  an  dara  cuid,  as  a 
chiall,  air  neo  chan  'eil  e  a'  tuigsinn  a' 
chreidimh  Chriosduidh.  Tha  mi  toilichte 
gu'n  tug  thu  dhomh  an  oothrom  an  rud 
sgainnealach  so  a  bhreugnachadh." 

Uair-eigin  a  bha  e  a'  bruidhinn  ri  daoine  a 
dh'  aidich  a  bhi  air  an  iompachadh  thubhairt 
e  riu,  "  Tha  cuid  agaibh  a  bha  air  bhur 
n-iom.pachadh  o  chionn  ghoirid.  Tha  deagh 
dhochas  agam  d'  ur  taobh,  ach  a  bheil  fhios 
agaibh  ciod  a  tha  an  saoghal  ag  raclh  ?  Tha 
muinntir  an  t-saoghail  ag  radh  umaibh,  gu'n 
tuit  sibh  air  bhur  n-ais  agus  nach  mair  so  ach 
greis.  Feuchaibh  nach  bi  sin  fior  ;  seasaibh 
gu  daingean,  agus  leigibh  fhaicinn  do'n  t- 


AIG  AN  UINNEIG 


saoghal  gu  bheil  cumhachd  Dhe  ag  oibreach- 
adh  annaibh.  Ma  theid  thusa  a  tha  posda 
dhachaidh,  agus  gu'm  bi  thu  mosach  ri 
do  mhnaoi ;  ma  theis  thusa,  a  sheirbhisich, 
a  mach  gu  d'  obair,  agus  nach  dean  thu  t' 
obair  le  sgoinn  ;  mur  toir  am  fear-oibre  ach 
obair  choig  uairean  air  son  paigheadh  dheich 
uairean ;  ma  bhios  tusa,  a  mhaighstir, 
borb  ri  do  sheirbhisich,  ciod  am  feum  a  tha 
ann  dhuibh  a  radh  gu  robh  sibh  air  bhur 
n-iompachadh  ?  Ma's  e  sin  an  seorsa 
iompachaidh  a  rinneadh  oirbh,  tha  mise 
a'  guidhe  gu'n  cuireadh  Dia  bhur  n-iompach- 
adh fa  sgaoil,  agus  gu'n  toisicheadh  e  as  ur 


oirbh.  Tha  moran  dhaoine  ann  a  dh' 
fheumas  a  bhi  air  an  neo-iompachadh  mu 
'm  bi  iad  air  an  iompachadh  ceart.  Ciod 
air  bith  a  their  Moody  agus  Sankey  ruibh 
mu  bhi  sealltainn  ri  Criosd,  ma  chreideas 
sibh  bithidh  sibh  air  bhur  tearnadh  ;  cuimh- 
nichibh  nach  creideamh  ceart  an  creideamh 
sin  a  dh'  fhagas  sibh  mar  bha  sibh  roimhe, 
salach  is  peacach  is  eas-umhail.  Tha  Criosd 
a'  saoradh  dhaoine  o'n  pheacadh  ;  tha 
creideamh  ann  an  Criosd  a'  tearnadh  an 
anama  a  ckionn  gu  bheil  e  a'  tilgeadh  a 
mach  as  a  chridhe  gach  salchar  a  tha  ann 
gu  nadurra,  agus  ag  oibreachadh  tre  ghradh. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Calum  Mac  Leoid,  M.A. 

Am  bitheantas  mu  'n  am  so  de  'n  bhliadhna 
tha  ministear  Gaidhealach  air  choreigin  a' 
faotainn  urram  o  aon  de  na  h-Oilthighean, 
agus  am  bHadhna  tha  Oilthigh  Dhun- 
eideann  a'  toirt  D.D.,  do  mhinistear  Bhoth- 
chuidir. 

Bheir  so  toileachadh  do  mhuinntir 
Leodhuis .  agus  do  mhoran  eile  air  feadh  na 
Gaidhealtachd  agus  ann  an  Glaschu,  oir 
tha  Ceann-suidhe  a'  Chomuinn  Ghaidh- 
ealaich  daonnan  'n  a  dhuine  aithnichte  am 
measg  a  luchd-duthcha.  Ma  's  maith  mo 
chuimhe  's  e  Calum  Mac  Leoid  an  treas 
ministear  a  bha  air  cheann  a'  Chomuinn 
Ghaidhealaich,  agus  fhuair  iad  uile  D.D.  ; 
Seoras  MacAoidh,  Niall  Ros,  agus  e  fhein. 

Cha  mhor  Ghaidheal  a  tha  cho  eudmhor, 
dealasach,  ris  a  thaobh  canain  agus  cor  an 
t-sluaigh,  no  aig  a  bheil  barrachd  Ivichd- 
eolais  a  bhios  a'  guidhe  gu  'm  meal  e  am 
purpiu'  air  a  ghuaillean  fad  iomadh  bliadhna. 

An  t-Urramach  Gilleasbaig  Caimbeul. 

An  uair  a  bha  e  'n  a  ghille  6g  cha  mhor 
dhaoine  a  bha  cho  fileanta  ri  Gilleasbuig 
Caimbeul,  am  Beurla  agus  an  Gaidhlig. 
Ach  ged  shaoileadh  tu  le  chluinntinn  gu  robh 
gne  nam  bard  ann  cha  d'  amais  e  riamh 
air  a  bhi  'n  a  bhard  ceart.  Ach  bha  e  'n 
a  dhuine  laghach  seanchasail,  agus  'n  a 
chuideachd  chan  fhairicheadh  tu  an  uine 
a'  dol  seachd. 

Shiubhail  e  an  deireadh  a'  Mhairt  ;  ochd 
deug   is   tri   fichead   a   dh'    aois,    agvis    sia 


bliadhna  an  deidh  dha  obair  naTministreal- 
achd  a  leigeil  dheth.  Shaothraich  e  an 
iomadh  aite  ;  am  Muile,  an  He,  an  Gleann 
Aora,  an  Cill-Mhartainn,  am  Mucarna,  ach 
chriochnaich  e  anns  a'  bhaile-rohor,  an 
eaglais  Chaluim-cille,  am  Paislig. 

■  Rugadh  e  am  Barra-calltuinn,  an  Aird- 
Chatain,  mac  maighstir-sgoile  ;  bha  e  an 
Oilthigh  Ghlaschu  aig  am  anns  an  robh 
barrachd  de  ghillean  tapaidh  agus  eanch- 
ainneach  ann  as  a'  Ghaidhealtachd  na 
chunnacas  comhla  anns  a'  Chomunn  Ois- 
eanach  bhuaith  sin,  Iain  Mac  Carmaig, 
Dughall  Cleireach,  Uilleam  Levack,  Iain 
Mac  Griogair,  Colla  Domhnallach,  Donnchadh 
Camshron,  agus  feadhainn  eile  de  'n  t-seorsa 
sin.  Cha  d'  fhuair  gin  dhiubh  saoghal  fada, 
oir  tha  iad  uile  marbh  a  nis  ach  a  mhain 
Colla   Domhnullach. 

Bu  toigh  le  Gilleasbuig  Caimbeul  eaglaisean 
boidheach,  agus  dh'  fhag  e  feadhainn  de  na 
h-eaglaisean  anns  an  do  shaothraich  e  na 
b'  fhearr  na  fhuair  e  iad. 

Ministear  dileas  agus  duine  laghach  aig 
an  robh  beachdan  laidir  agus  comas  nadurra 
air  a  bheachdan  a  liubhairt  ann  am  briathran 
a  bha  air  uairean  geur  agus  aighearach,  ach 
gun  gho  gun  ghamhlas.  Bu  toigh  leis  a 
h-uile  duine  e,  agus  b'  annamh  ministear 
ann  an  Earra- Ghaidheal  a  chuireadh  barr- 
achd sunnd  is  saod  air  cuideachd  an  uair  a 
dh'  eireadh  e  a  labhairt  aig  coinneamh  air 
bith.  Bha  e  anabarrach  eiidmhor  anns  gach 
ni  a  bhuineadh  do  thir  agus  do  chanain  a 
dhaoine. 


Aireamh  6 


1946 


An  Trebraiche 


Leis  an    Urramach   Alasdair  Mac  Rath,  nach  maireann. 
Treoraichidh  e  mi  air  slighibh  na  fireantachd  air  sgath  ainme  fein." — Salm  xxiii.  3. 


BHA  Daibhidh  a'  seinn  gu  sona  gu  'n  robh 
Dia  mar  bhuachaille  a'  caithris  anama 
a  ghnath,  a'  toirt  dha  na  dh'fheumadh  e  gach 
uair,  air  chor  's  gu  'n  robh  e  cinnteach  nach 
biodh  dith  air  a  chaoidh.  Bha  e  'g  a  choimeas 
fhein  ri  caora  air  a  deagh  ionaltradh,  a' 
faotainn  gu  leor  gu  itheadh  agus  61.  Ged  bu 
mhaith  sin  cha  bu  leor  e.  Bha  feum  aige  air 
na  b'fhearr  na  sin.  Is  e  bha  annsan  anam 
bithbhuan,  le  coguis  bheo  air  a  shiubhal,  le 
iarrtusan  naomha  nach  sasaieheadh  biadh  is 
deoch.  Bha  fireantachd  is  naomhaehd  a 
dhith  air  anam.  Bha  feum  aige  a  bhi  air  a 
stiuireadh  agus  air  a  threorachadh  air  slighibh 
direach  glan,  a  thaitneadh  ri  Dia  agus  a 
riaraicheadh  a  choguis  fhein.  Bha  e  a' 
creidsinn  gu  'm  bu  chomasach  am  buachaille 
a  bha  'g  a  ionaltradh  air  a  threorachadh  air 
slighibh  a  bhiodh  ceart  air  a  shon,  agus  a 
bhiodh  tearuinte  dha.  Uinie  sin  sheinn  e  : 
"  Tha  'g  aiseag  m'  anam  dhomh  air  ais, 

'S  a'  treorachadh  mo  cheum  ; 
Air  slighibh  glan  na  fireantachd, 

Air  sgath  dheagh  ainme  fein." 

Feumaidh  an  t-anam  an  toiseach  a  bhi  air 
aiseag  gu  Dia  mu  'm  bi  e  air  a  threorachadh 
air  slighibh  na  fireantachd.  '  'Nuair  a 
dh'  aisigeas  Dia  e  treoraichidh  Dia  e.  Bidh 
an  t-anam  a  tha  air  aiseag  gu  aithreachas 
agus  gu  creideamh  ann  an  Criosd  air  a 
threorachadh  air  slighibh  na  fireantachd 
agus  na  fior  naomhaehd.  An  uair  a  gheibh 
Dia  a'  chaora  a  chailleadh,  cuiridh  e  air  a 
ghuaillibh  i  le  gairdeachas  agus  bheir  e 
dhachaidh  i.  Aon  uair  's  gu  faigh  e  i  chan 
fh^g  e  i  air  seacharan  'san  fhasach.  Mar 
sin  faodaidh  aa  t-anam  a  tha  air  aiseag  a  bhi 
seinn  a  h-uile  maduinn,  "  Tha  e  'g  am 
threorachadh  ;    tha  e  'g  ain  threorachadh." 

Am  Fear-iuil 

I.  Is  e  an  Tighearna  Fear-iuil  a  shluaigh. 

Am  fear  a  fhuair  iad  an  uair  a  bha  iad  air 
seacharan,  agus  a  shaor  iad  aia  uair  a  bha  iad 
caillte,  is  e  a  threoraicheas  iad  o'n  la  sin  a 
mach.  Is  ann  aca  a  tha  am  fear-iuil  maith. 
Is  aithne  dha  na  h-uile  ceum  de'n  t-slighe. 
Is  aithne  dha  na  h-uile  cunnart  a  tha  air 


gach  laimh,  agus  mar  sin  cha  ruig  iadsan 
a  leas  ro-churam  na  slighe  bhi  orra.  Theag- 
amh  gu  'n  deach  thusa  air  thurus  aon  uair 
le  d 'at hair.  Cha  robh  thusa  riamh  ceum 
dhe'n  rathad,  ach  bu  trie  a  chaidh  esan, 
agus  b'aithne  dha  h-uile  baile  is  beinn  is  loch, 
Bhiodh  tusa  le  do  lamh  'n  a  l^imh,  agus  do 
shuilean  togta  suas  ris,  a'  cur  cheisdean  air 
gun  sgur  :  Ciod  e  an  seorsa  baile  gus  an  robh 
sibh  a'  dol  ?  Ciod  e  an  seorsa  sluaigh  a  bha 
chomhnuidh  ann  ?  An  ruigeadh  sibh  e 
mu'n  tuiteadh  an  oidhche  ?  An  robh  agaibh 
ri  dhol  thairis  air  abhainn  ?  An  robh 
drochaid  orra  ?  is  iomadh  ceisd  eile.  Agus 
fhreagradh  esan  gu  carthannach  tuigseach  a 
reir  mar  a  bha  thusa  comasach  air  tuigsinn. 
Mar  sin  tha  thusa,  ma's  creidmheach  thu, 
le  do  lamh  ann  an  laimh  an  Fhir-shaoraidh 
a'  dol  maille  ris,  's  a'  cur  cheisdean  ris,  gach 
la  is  gach  ceum  dhe'n  t-slighe. 

Tha  e  sgriobhta  thaobh  fear-iiiil  a  shluaigh 
gu  bheil  e  dol  romhpa.  An  uair  a  dh'eirich 
an  Tighearna  o  na  mairbh,  chuir  e  fios  : 
"  Innsibh  do  mo  dheisciobuil  agus  do  Phea- 
dar,  gu  bheil  e  dol  romhaibh  do  Ghalile." 
Chaidh  esan  a'  h-uile  ceum  roimh  a  shluagh. 
Chaidh  e  romhpa  tre  thrioblaidean  agus 
bhuairidhean  na  beatha  so  :  tre'n  bhas 
agus  tre'n  uaigh.  Chan  'eil  ceum  dhe'n 
t-slighe  anns  nach  fhaighear  luirg  a  chois. 
Ma  chumas  tusa  do  shMlean  suas  ris,  do 
lamh  'n  a  laimh,  do  bhilean  gu  trie  a'  cur 
cheisdean  ris,  agus  do  cheum  'n  a  cheumsan, 
chan  fhairich  thu  an  t-slighe  fada,  chan  eagal 
beud  duit,  agus  bidh  crioch  do  shlighe  beann- 
aichte,  glormhor.  Agus  fad  na  slighe  bidh 
tu  ag  radh  riut  fhein  :  "  Tha  e  'g  am  threor- 
achadh :    tha  e  'g  am  threorachadh." 

An  t-slighe 

II.  An  uaii-  a  bheachdaicheas  sinn  air  an 
t-slighe,  tha  iomadh  ni  ri  fhaicinn  innte  tha 
iongantach  comharraichte.  Tha  thusa  air 
uairean  a'  saoilsinn  nach  'eil  moran  a'  gabhail 
na  slighe  sin  idir,  ach  ma  sheallas  tu  gu  geur 
chi  thu  gu'm  bu  lionmhor  iad  a  chaidh 
romhad,  agus  na  h-uile  fear  a  bha  dol  bha 
e  fagail  an  rathaid  na  bu  mhine,  agus  na  bu 


DUNS  SCOTUS  NO  EOIN  ALBANNACH 


reidhe  'n  a  dheidh,  air  chor  's  gu  bheil  e  glan 
reidh  min  air  son  do  chasan-sa.  Chan  'eil 
mir  de'n  rathad  air  a  bheil  an  Tighearna  'g 
ad  threorachadh  anns  nach  d'fhag  iad 
comharraidhean  follaiseach,  gu  bhi  toirt 
socair  is  comhfhurtachd  is  misneach  dhuitsa. 

Ma  sheallas  tusa  mu'n  cuairt  duit,  chi  thu 
gu  bheil  moran  ag  iarraidh  agus  a'  siubhal  na 
slighe  maille  riut,  romhad  agus  as  do  dheidh. 
Tha  iad  uUe  air  an  treorachadh  raar  a  tha  thu 
fhein,  agus  a  cheart  cho  feumail  air.  Ma 
dh'eisdeas  tu  cluinnidh  tu  iad  a'  seinn  's  ag 
iirnuigh,  direach  mar  a  tha  thu  fein  :  "  Tha^e 
'g  am  threorachadh."  Ach  tha  iad  cho  iriosal 
stuama  'n  an  nadur  's  gu  bheil  eagal  orra,  ged 
bu  mhiann  led,  bruidhinn  riutsa.  Feuch 
gu'm  bruidhinn  thusa  riusan,  gu'n  dean  thu 
crathadh  l^mh  riu  gu  cridheil  faoilidh  gu  bhi 
'g  am  misneachadh.  A  reir  iomradh  Mghr. 
Findlater,  bha  sin  'n  a  chleachdadh  aig 
bean  a'  chreidimh  mhoir  : 

"  'N  am  sgaoileadh  do  na  choimhthional, 
'S  air  smeadh  niach  do  lamh, 
Do  phrasganaibh  toirt  failte  dhuit, 

An  daimh  mhor  's  an  gr^dh  : 
Bhiodh  t'aghaidh  fhaoilidh  fhialaidh-sa, 

Mar  lul-chlach  aig  an  am  ; 
A'  tarruing  thugad  mar  a'  chruaidh 
Le  buaidh  bha  diamhair  teann." 

Is  breagh  an  ni  a  bhi  'g  am  faicinn  ag 
imeachd  ri  guaillibh  a  cheile,  mar  reisimeid- 
coise,  gu  h-6rdail,  ceum  air  cheum,  le  cul  an 
cinn  ris  an  t-saoghal  agus  an  aghaidh  air  an 
Jerusalem  naomh,  a'  comhairleachadh  agus 
a'  cuideachadh  a  cheile  re  feadh  an  turuis. 

Is  ro-chomharraichte  an  t-slighe  tha  treor- 
achadh chum  naomhachd.  Chan  e  mhain  gu 
bheil  i  direach,  reidh,  ach  tha  i  glan  agus 
naomha.  Dh'fh^g  Criosd  luirg  a  chasan 
haomha  fhein  air  gach  ceum  dhith.  Ghlan 
agus  naomhaich  e  h-uile  ceum  dhith.  Tha 
comharraidhean  na  fala  air  a'  h-uile  mile 
dhith.  Tha  na  h-uile  neach  tha  coiseachd 
oirre  ag  iarraidh  a  bhi  faicinn  a'  chomharraidh 
sin  a  ghnath.  An  uair  nach  fhaic  iad  an 
comharradh  sin  tha  eagal  orra  nach  'eil  iad 
'san  t-slighe  cheirt.  Ma  sheallas  tu  gu  geur 
orra  chi  thu,  ged  is  trie  an  stiilean  air  an 
rathad,  gur  trice  iad  togta  suas  a  dh'ionnsaigh 
an  Tighearna  losa.  Tha  iad  a'  ruith  na 
reise  a  chuireadh  romhpa  ag  amharc  air  losa. 
Ged  is  maith  a'  chuideachd  a  tha  dol  leo  agus 


ged  is  maith  an  comunn,  is  ann  air-san  a  tha 
'n  siiil  's  gach  ceum.  Is  e  am  Fear-iuil  o 
thoiseach  gu  crich  na  slighe. 

Slighe  nuadh 

Is  slighe  nuadh  i.  Cha  robh  a  leithid 
riamh  's  an  t-saoghal,  agus  chan  'eil  a  leithid 
eile  ann.  Is  e  an  Tighearna  fhein  a  rinn  i  air 
son  shluaigh  nuaidh  fhein.  Dh'fhag  iadsan 
seann  slighe  an  lagha  agus  nam  modhannan, 
agus  threoraich  e  fhein  an  casan  gu  slighe 
nuadh  a'  chreidimh  agus  a'  ghraidh.  Chruth- 
aich  e  sluagh  nuadh  le  creideamh  nuadh, 
beachdan  nuadh,  cleachdaidhean  nuadh,  agus 
dochas  nuadh,  tha  siubhal  as  a  dheidh  fhein, 
air  an  t-slighe  nuadh  a  dh'orduich  e  air  an 
son.  Dh'fhag  iad  seann  slighe  an  t-seachram 
agus  a'  pheacaidh,  agus  thionndaidh  iad  an 
ceuman  gu  slighe  na  h-aithreachais  agus  a' 
chreidimh.  Cluinnidh  tu  gach  aon  dhiubh 
ag  radh  : 

"  Do  chnuasaich  mi  mo  shlighe  fein, 
'S  ri  d'theisteas  phill  mo  chos." 

Air  dhoibh  a  bhi  siubhal  tha  'n  smuaintean 
air  crioch  na  slighe.  Tha  tograidhean  an 
cridhe  dol  rompa,  agus  tha  fadal  orra  gus  an 
ruig  iad  a  ceann.  Tha  iad  a'  cunntadh  na 
h-uile  clach-mhile  a  tha  iad  a'  fagail  as  an 
deidh,  ach  chan  'eil  fios  aca  cia  lion  a  tha  air 
thoiseach  orra.  'N  am  measg  fhein  bidh  iad 
ag  iomradh  air  na  clachan-mile  ud  :  an  14  a 
dhuisg  iad  gu  chram  anam  ;  an  la  's  an 
d'fhoillsich  Criosd  e  fhein  dhoibh,  air  a' 
chrann,  mar  Fhear-saoraidh,  agus  air  a' 
chathair  mar  an  righ  ;  an  la  anns  an  do  lub 
iad  an  gluin  ann  an  treibhdhireas  agus  ann 
an  dochas  ;  an  la  anns  an  d'aidich  iad  e  gu 
follaiseach  air  son  na  ceud  uaire,  agus  iomadh 
la  eUe  tha  dealradh  a  mach  'n  an  cuimhne. 
Ma  dh'eisdeas  tusa  riu  cluinnidh  tu  iad  ag 
radh,  ann  am  briathran  Phoil :  "  Air  dhomh 
na  nithean  a  tha  air  mo  chul  a  dhi-chuimh- 
neachadh,  agus  a  bhi  'g  am  shineadh  fein  a 
chum  nan  nithean  a  tha  romhan,  tha  mi 
a',  dion-ruith  a  dh'ionnsaigh  a'  chomh- 
arraidh, chum  duaise  ard-ghairme  Dhe'ann 
an  losa  Criosd." 

Is  ann  air  na  tha  romhpa  a  tha  'n  suil  's 
an  doigh.  Tha  fios  aca  gum  faigh  iad  faUte 
is  furan  is  fois  an  uair  a  ruigeas  iad  an  geata 
a  tha  fosgailte  gu  farsuing  gu  'n  gabhail- 
a  stigh. 


Duns  Scotus  No  Eoin  Albannach 

Leis  an    Urramach  Calum  MacCrilleathain,  M.A.,  Conan. 

BU  mhaith  learn  beagan  a  chur  sios  an  a  tha  eadar  amharus  is  eolas,  agus  air  mar 
comh-cheangal  ri  eachdraidh  an  duine  ain-  a  nidh  daoine  cath  mu  nithean  nach  tog 
meil  so  mar  sholus  air  an  eadar-dhealachadh      aire  dhaoine  eile,  an  deidh  lairahe,  no,  mar 


DUNS  SCOTUS  NO  EOIN  ALBANNACH 


a  chanas  na  Sasunnaich,  "  a  dh'fh^gas  fuar 
iad."  Mu'n  dara  ceann  faodaidh  sinn  da 
shean-fhacal  a  radh,  "  Is  iomadh  teine  mor 
a  chaidh  as,"  agus  "  Ca  bheil  sneachda  mor 
na  bliadhn'  an  uraidh." 

Fad  iomadh  ginealach  bha  da  amharus 
aig  daoine  mu'ri  Scotach  ainmeil  so.  Bha 
cuid  de'n  bheachd  gur  e  Eireannach  a  bha 
ann  dheth,  agus  cuid  eile  de'n  bheachd  nach 
e  ach  Albannach.  Is  e  an  t-aobhar  gur  ann 
air  Eirinn  a  bha  Scotia,  air  tus.  Is  ann  4 
Eirinn  a  thainig  na  Gaidheil  a  rinn  Alba  na 
h-aon  rioghachd,  agus  is  e  Gaidheil  a  bha 
aca  orra  fhein,  ach  bha  Scotaich  aig  daoine 
eile  orra.  Agus  bha  uair  aig  luchd-each- 
draidh  san  robh  Scotia  aca  air  gach  taobh, 
de  Shruth  na  Maoile,  Scotia  Major  no  a' 
Ghaidhealtachd  Mhor  air  Eirinn  agus  Scotia 
Minor  no  A'  Ghaidhealtachd  is  lugha  no  is 
iiire  air  Alba.  Dh'fhag  sin  nach  robh  san 
ainm  Scotus,  air  ttis,  ach  eadar-theangach- 
adh  air  "  Gaidheal."  Agus  an  uair  nach 
robh  de  eolas  air  duine  ach  gun  gabhte 
"  Gaidheal  "  air  cha  bhithte  cinnteach  c6 
aca  a  b'  Eireannach  no  a  b'Albannach  e, 
agus  Gaidheil  thall  agus  Gaidheil  a  bhos  ; 
agus  do  bhrigh  agus  gun  robh  cliti  is  alladh 
an  duine  so  chomh  farsuinn  ris  an  Roinn- 
Eorpa  bu  mhaith  le  Eireannaich  gun  deante 
Eireannach  dheth,  is  bu  mhaith  le  Albannaich 
gun  deante  Albannach  dheth! 

A  dhuthchas 

Chan  aithne  dhomh  gun  d'fhuaradh  fhath- 
ast  cinnt  air  c6  bhliadhna  san  d'rugadh  e. 
Is  docha  gur  ann  san  bhliadhna  1266  a 
rugadh  e,  no  bliadhna  roimhe  sin.  Chaochail 
e  air  an  ochdamh  l^tha  san  t-samhainn  1308. 
Rugadh  e  an  dite  air  a  bheil  Littledean  an 
Siorrachd  Rocsborgh.  Is  e  Ninian  Duns  a 
b'ainm  da  athair,  agus  bha  brathair-athar 
aige  air  an  robh  Elias  a  bha  'na  Bhiocair  an 
Ord  Naomii  Frannsais  an  Alba.  Agus 
chaidh  Eoin  Duns  e  fhein  a  steach  san  ord 
sin  'na  aobhar-brathar  no  'na  fhoghlumaiehe 
sa'  bhliadhna  1278.  Is  ann  an  Dun  Fris 
a  bha  e  'na  noibhiseach,  agus  sin  far  an 
robh  brathair-athar  ainmeil.  Anns  a' 
bhliadhna  1291  rinn  Easbuig  Lioncon,  an 
Sasainn,  sagairt  de  dhaoine  Uraidh  an 
eaglais  na  Manachainn  aig  Naomh  Aindreis 
an  Norsamton  air  lath  a  fheill  Padruig.  'Nam 
measg  gheibhear  an  t-ainm  "  Fr.  Joannes 
Duns."  A  reir  gach  coltais  is  e  so  am 
Br  Athair  Eoin  a  Alba  a  thogadh  am  manach- 
ainn Dhtin  Fris.  Bha  e  an  uair  sin  mu 
ch6ig  bliadhna  fichead  a  dh'aois. 

Is  ann  am  Pairis  na  Frainge  tha  an  ath 
lorg  againn  air  agus  e  'na  mhac-leighinn  no 
'na    oileanach    san    oilthigh    ainmeil    ann. 


Tha  e  coltach  gun  tug  e  bliadhnaichean  ann 
oir  cha  b'e  tuiteam  as  an  adhar  air  a  rinn 
gach  edlas  a  bha  'na  cheann.  Ach  anns 
a'  bhliadhna  1300  bha  e  air  ais  aon  uair  eile 
an  Lioncon.  Bha  e  greis  san  Oilthigh  an 
Ocsford  agus  fhuair  e  an  ceum  dochtair 
diadhachd,  no,  mar  a  chanamaide,  D.D.,  an 
sin.  Chaidh  e  a  sin  gu  dara  oilthigh  m6r 
Shasuinn,  Caimbrig,  agus  bha  e  ann  'na 
fhear-teagaisg,  agus  lion  £ia  mic-leighinn  an 
t-ionad-teagaisg  aige,  oir  bha  e  nis  air  ainm 
a  dheanamh  dha  fhein  mar  cheann  an 
fhoghluim.  Anns  a'  bhliadhna  1303  bha 
e  air  ais  am  Pairis  anns  an  Oilthigh.  Ri 
linn  dha  bhith  san  oilthigh  sin  agus  air  do 
chomhstri  shearbh  a  bhith  eadar  am  P^p 
agus  Philip  IV  chuir  an  righ  mar  fhiachaibh 
air  na  h-ollamhan  san  oilthigh  gun  gabhadh" 
iad  a  thaobh  fhein.  Rinn  cuid  aca  sin  ach 
sheas  Eoin  Albannach  an  aghaidh  cuis  an 
righ ! 

Meas  mor  air 

Bha  e  'na  ollamh,  mar  sin,  am  Pairis  agus 
chuir  an  oilthigh  urram  dochtair  ri  diadhachd 
air,  ni  a  choisinn  e  le  foghlum  is  sgriobhadh. 
Tha  sin  a'  cur  an  geill  gun  robh  ard-mheas 
air  anns  an  da  oilthigh,  Ocsford  is  Pairis, 
agus  Pairis  an  uair  sin  'na  comraich  aig 
sgoilearan  m6ra  na  h-Eorpa.  An  ceann 
seachd  no  h-pchd  de  bhliadJinachan  chaidh 
6  gu  Colon  's  a'  GhearmaUt.  Chan  eil  fhios 
de  a  chur  ann  e.  Is  docha  gun  robh  aobhar 
no  dha  air,  agus  is  docha  gur  e  an  t-aobhar 
bu  mhotha  gun  robh  feum  aig  an  eaglais 
air  duine  laidir  le  foghlum  agus  duine 
sheasadh  am  fonn  mar  fhear-labhairt  agus 
mar  fhear-sgriobhaidh,  agus  is  docha  nach 
robh  na  b'fhearr  ri  fhaotainn  'na  latha  anns 
an  t-suidheachadh  sin.  Ach  cha  robh  e 
buan  ann.  Is  gann  gun  do  thog  e  ceann 
ann  an  uair  a  chaochail  e.  Chan  eil  fhios 
an  tug  e  a'  bhliadhna  fhein  4s.  Agus  chan 
eil  fhios,  mar  sin,  nach  robh  a  shlainte 
bhriste  an  uair  a  dh'fhag  e  a  roghainn, 
Pairis. 

Mathair  ar  Slanuigheir 

Is  e  an  dara  ni  a  tha  mi  an  dtiil  a  chur 
sios,  an  t-atharrachadh  a  thig  air  saognal 
an  duine  comh-cheangailte  ri  inntinn,  no 
na  nithean  air  am  bidh  inntinn  a'  greimeach- 
adh  oir  is  e  sin  is  coir  domh  a  sgriobhadh. 
An  uair  a  leughas  sinn  eachdraidh  na  h- 
eaglaise  cuiridh  e  ioghnadh  oirnn  na  nithean 
a  bha  togail  cheistean  agus  a'  deanamh  dragh 
is  buaireadh  innte  aig  4mannan  4raid.  Gun 
ta,  chidh  sinn  nach  robh'  an  saoghal  ria,mh 
gun  cheist ;  agus  nach  robh  an  eaglais 
riamh  gun  uallach.    Ri  linn  Eoin  Albannaich 


DAOINE    ONRAOHDACH 


bha  aon  cheist  nihor  air  daoine  bha  deanamh 
ceannas  is  foghlum  do'n  eaglais.  An  robh 
no  nach  robh  Moire,  mathair  ar  Slanuighear, 
i  fhein  as  eugmhais  peacaidh  ? 

A  nis,  is  docha  nach  'eil  sin  a'  cumail 
dhaoine  an  diugh  o  chadal  na  h-oidhche.  Is 
e  a  bhios  a'  toirt  a'  chadail  o  dhaoine,  nis, 
an  coir  no  nach  coir  do  mhnathan  a  bhith 
nan  eildearan!  Ach  an  uair  a  bha  Eoin 
Albannach  'na  oUamh  am  Pairis  sid  a'  cheist 
a  bha  roinn  na  h-eaglais.  Chan  eil  teagamh 
nach  robh  cath  is  comhrag  ann  mu'n  chuis, 
nan  deanadh  cainnt  is  sgriobhadh  e.  Is  e 
an  earrainn  de  an  fhirinn  a  bha  eatorra  mar 
cheist  Mata  1,  21,  "  Saoraidh  e  a  shluagh 
fein  o'm  peacaibh."  A  reir  sin  tha  a  shluagh 
fein  uile  an  crochadh  ris  air  son  slainte, 
agus  a  mhathair  cuide  ri  each!  Agus  nan 
deanadh  an  eaglais,  eadhoin  'na  bheachd,  Moire 
a  thoirt  a  mach,  air  tus,  a  aireamh  nam 
peacach  bha  "  diachainn  "  's  a'  chuis. 
Mar  a  chur  iad  fhein  e,  "  Tha  so  gun  ta  anns 
an  rathad  nach  biodh  Criosd  mar  sin  na 
shlanuighear  nan  uile  dhaoine."  (Agus  tha 
sinn  a'  faicinn  o'n  chuid  mu  dheireadh  do'n 
radh  sin  nach  robh  guth  aig  an  dearbh  am 
ud,  san  eaglais,  air  a'  cheist  a  rinn  a  leithid 
de  dhragh  an  Alba,  agus  a  chuir  MacLeoid- 
Caimbeul  as  a  dhreuchd  san  Eaglais, 
i.e.,  "  A  bheil  Slanuighear  nan  uile  dhaoine 
againn  an  Criosd  ?  "  Is  e  am  beachd  a  bha 
aig  an  Eaglais  Shaor  nach  'eil,  gur  e  tha 
againn  ann  slanuighear  dhaoine  taghta  Dhe. 

An  argumaid 

Is  ann  air  taobh  Moire  bhith  saor  o 
pheacadh  a  bha  Eoin  Albannach  ;  agus,  e 
bhith  ceart  no  cearr,  chan  'eil  teagamh  nach 
robh  l^mh  l^idir  aige  san  ^rd-urram  a  tha 
aig  Moire  air  th^ilibh  sin  riamh  o'n  uair 
sin  an  Eaglais  na  Roimhe. 


Faodaidh  mi  ceum  beag  de  a  reusanachadh 
a  leantainn  cuide  ribh.  Bha  an  oighe  de 
shliochd  Adhaimh,  uime  sin  bhiodh  a  cuid 
de'n  pheacadh  aice.  Bhiodh,  mar  sin,  an 
cionta  air  a  h-anam  mur  b'e  iobairt  Chriosd 
air  a'  chrann-cheusaidh.  Ach  dheonaich 
Dia  huil  na  saorsa  bhith  air  Moire  eadhoin 
'na  beatha  air  thalamh  mar  glaine  air  nach 
do  thuit  peacadh.  Chan  eil  aig  Eoin,  agus 
e  aig  uchd  a  dhichill  ach  "  tha  e  coimhead 
coltach."  "  Bha  e  air  a  bhith  (peacadh) 
comh  dhiubh  mur  biodh  i  air  a  gleidheadh 
(glan)." 

Fhuair  Eoin  Albannach  cliu  mor  air  son 
an  doigh  anns  an  do  shaoirich  e,  agus  an 
doigh  anns  an  tug  e  buaidh  san  argumaid 
a  bh'ann.  Ach  nach  neonach  leibh  a' 
cheist  ?  Is  mor  agus  is  cudthromach  i  an 
taice  ri  ceist  eile  bha  aig  luchd  nan  linntean 
sin,  "  Ce  lion  aingeal  a  sheasadh  air  gob 
snathaid." 

A  reir  na  h-eachdraidh  is  e  fear  beag  a 
bha  an  Eoin  Albannach.  So  naidheachd  a 
tha  againn  air.  Bha  e  aig  bord  m.6r  uair 
agus  bha  fear  air  gach  taobh  dheth,  agus 
iad  anbarijach  mor,  trom.  Chuireadh  da 
iasg  mhor  agus  iasg  beag  air  an  aiseid  air 
beulaibh  Eoin.  Chuir  e  an  da  iasg  mhor 
air  a  thrinnsear  fhein,  agus  rinn  e  da  leth 
air  an  iasg  bheag  agus  thug  e  leth  am  fear 
do  na  famhairean !  Thuirt  fear  an  tighe  ris, 
"  Seall  mar  a  rinn  thu !  "  "Nach  'eil  a' 
chilis  gu  math,"  arsa  Eoin,  "A  dha  mhor 
an  so  (fear  air  gach  taobh  dheth)  agus  a 
dha  mhor  an  so  (air  an  trinnsear)  agus 
ceann  beag  aig  gach  roinn — tha  sin  cothro- 
mach  gu  leor !  " 

Agus  a  reir  eachdraidh  bha  e  Ian  de'n 
rud  a  chuir  an  saoghal  as  leth  'nan  Albannach 
— "  Cridhe  cruaidh  is  meanma  maith." 


Daoine  Onrachdach 


CLUINNEAR  trie  gu  leoir  mu  dnrachdas 
dhaoine  a  tha  a'  fuireach  ann  an  glinn 
iomallach,  fada  air  falbh  o  choimhearsnaich, 
ach  faodaidh  duine  a  bhi  na's  onrachdaiche 
anns  a'  bhaile-mhor  na  bhitheadh  e  anns 
an  fhasach.  Tha  na  miltean  de  dhaoine 
an  Glaschu  agus  an  Dim-eideann  cho 
onrachdach  's  ged  bhiodh  iad  a'  fuireach 
leo  fhein  air  monadh  ann  an  Cataibh, 
onrachdach  am  measg  sluaigh  a  tha  cho 
tiugh  ris  na  seangain,  gun  chompanach  aca 
ris  an  dean  iad  searichas  no  caidreamh. 

Chan  'eil  aite  eile  anns  a'  bhaile  mh6r 
a  bu  chinntiche  a  bheireadh  furan  do'n 
t-se6rsa  dhaoine  so  na  'n  eaglais,  eaglais  air 
bith  a  thoilicheadh  iad  do!   innte,  ach  gle 


bhitheanta  tha  e  duilich  do  theaghlaichean 
coibhneil  ann  an  coimhthional  eolas  fhao- 
tainn  air  coigrich  onrachdach  a  chionn  nach 
toigh  leo  an  onrachdas  a  leigeil  ris. 

Nach  beag  is  aithne  dhuinn  ciod  a  tha 
folaichte  ann  an  cridheachan  dhaoine  eile, 
daoine  laidir  a  shaoileadh  tu  a  tha  gaisgeil 
is  treun  ?  Saoilidh  sinn  nach  'eil  an  seorsa 
sin  uair  air  bith  a'  tuiteam  ann  an  dlobhail 
misnich  agus  idir  idir  nach  'eil  iad  onrach- 
dach. 

Duine  gun  eagal 

Tha  cuimhne  agad  mar  dh'  eirieh  do  Eliah, 
am  faidh  gaisgeil  a  sheas  'n  a  aonar  an 
aghaidh  righ  a  bha  an  da  chuid  cumhachdach 


DAOINE    ONRACHDACH 


agus  aingidh,  agus  an  aghaidh  ceithir  cheiid 
de  fhaidhean  breige.  Shaoileadh  tu  nach 
robh  rud  air  thalamh  a  chuireadh  eagal  air 
Eliah,  no  a  chuireadh  ann  an  diobhail  mis- 
nich  e.  Ach  cha  bii  luaithe  a  mhaoidh 
lesebel  air  na  theich  e  do'n  fhasach  far  an  do 
shuidh  e  fo  chraoibh-aiteil,  a'  guidhe  gii'n 
tigeadh  am  bas  air.  Bha  e  'g  a  fhaicinn 
fein  'n  a  aonar  a  chionn  gu'n  do  dhichumh- 
nich  e  gu  robh  Dia  maille  ris. 

A'  cheud  shealladh  a  gheibh  sinn  air  Eliah 
tha  e  a'  teachd  bho  bheanntan  Ghilead  mar 
leomhann  gharg,  ag  eigheach  ri  Ahab, 
"  Mar  is  beo  an  Tighearn  Dia  Israeil,  an 
lathair  am  bheil  mise  am  sheasamh."  Anns 
an  neart  a  thug  lathaireachd  an  Tighearna 
dha  cheannsaich  e  rioghachdan  agus  dh' 
oibrieh  e  fireantachd,  ach  a  cheart  cho 
luath  's  a  chaill  e  dearbhachd  a  thaobh 
lathaireachd  Dhe  agus  a  thoisich  e  air 
saoilsinn  gu  robh  e  onrachdach  chaill  e  a 
mhisneach  agus  a  threoir. 

An  uair  a  shuidh  e  fo'n  chraoibh-aiteil 
chan  e  mhain  gu  robh  e  a'  faireachduin 
onrachdach  ach  thuit  e  mar  an  ceudna  ann 
an  diobhail  misnich.  Chaidh  e  sios  do'n 
doimhneachd.  Bha  e  an  diiil  nach  robh 
neach  eile  a  bha  dileas  ann  an  Israel  ach 
e  fhein  agus  gu'm  biodh'  ainm  agus  aobhar 
an  Tighearn  air  an  sgriosadh  as.  Ach  bha 
e  fada  fada  air  a  m.healladh  ;  bha  seachd 
mile  duine  ann  an  Israel  a  bha  air  a  thaobh, 
agus  aig  an  robh  baigh  agus  co-fhaireachduin 
ris.  A  thuilleadh  air  sin  bha  Dia  dliith  dha  fad 
na  h-uine  a  bha  e  ann  an  diobhail  misnich. 

Anns  an  Doimhneachd 

Thubhairt  Dia  ris,  "  Ciod  e  do  ghnothuch 
an  so,  Eliah  ?  "  'g  a  chronachadh,  mar  gu'm 
b'  eadh.  An  uair  a  thuiteas  daoine  ann  an 
diobhail  misnich  toisichidh  iad  air  truas  a 
ghabhail  dhiubh  fein.  Saoilidh  iad  gur  coir 
do  dhaoine  eile  toiseachadh  air  an  caoidh 
cuideachd.  Ach  tha  miighadh  mor  eadar 
comhfhurtachd  a  thoirt  do  dhuine  agus 
toiseachadh  air  citichran  no  caoidh  a  dhean- 
amh  ris  m'  a  chor  cruaidh  fein.  Cha  dean 
an  citichran  sin  maith  air  bith  dha. 

Chan  'eil  e  furasda  duine  a  tha  ann  an 
diobhail  misnich  a  leigheas.  Faodaidh  duine 
dol  sios  do'n  doimhneachd  ann  am  mionaid, 
no  faodaidh  e  bhith  gu'n  teid  e  sios  uigh  ar 
n-uigh.  Agus  faodaidh  gu'n  gabh  e  tiine 
m'  an  togar  suas  e. 

Cha  do  leighis  cridhe  is  inntinn  Eliah  gus 
an  d'  ionnsaich  agus  an  do  thuig  e  as  ur  gu 
bheil  Dia  ag  oibreachadh  gu  s^m'hach  agus 
ann  an  nithe  beaga  a  cheart  cho  cinnteach 
's  a  tha  e  a'  labhairt  anns  an  tairneanach 
agus  ann  an  qjthe  mora. 


Dh'  iarradh  air  seasamh  air  a'  bheinn  agus 
an  aire  a  thoirt  do  chumhachdan  eagallach 
a'  chrutha chaidh  ;  gaoth  laidir  a  reub  na 
beanntan  agus  a  bhris  na  creagan  ;  agus  an 
deidh  na  gaoithe,  crith-thalmhainn  ;  agus 
an  deidh  na  crith-thalmhainn,  teine.  Ach 
cha  robh  an  Tighearn  anns  a'  ghaoith,  no 
anns  a'  chrith-thalmhainn,  no  anns  an  teine. 
Ach  an  deidh  an  teine  thainig  guth  citiin  caol, 
agus  6'e  an  guth  sin  guth  an  Tighearna.  An 
sin»  thuig  Eliah  ;  thog  Dia  suas  e  as  an 
lathaich  anns  an  do  thuit  e,  agus  fhuair  e 
misneach  tir.  Ann  an  suaimhneas  agus  ann 
an  earbsa  bha  a  neart. 

Fo  sprochd  anama 

Bhitheadh  an  t-Easbuig  nach  maireann, 
G.  H.  Wilkinson,  a  bha  'n  a  Easbuig  an  Cill- 
rimhinn,  air  uairean  anns  na  doimhneachdan 
gu  spioradail.  An  uair  a  thuiteadh  sgail  an 
dorchadais  sin  air  anam  cha  robh  e  furasda  a 
leigheas.  Aon  uair  chaidh  e  do'n  Afric  mu 
Dheas  a  dh'  fheuchainn  am  b'  fheairrd  e  sin. 
Ged  bha  a  spiorad  trom  agus  fo  dhaorsa  cha 
robh  dad  ri  fhaicinn  cearr  air  o'n  taobh  a 
muigh,  no  le  suilean  dhaoine  eile.  Bha  e 
a'  labhairt  agus  a'  searmonachadh  gu 
tlachdmhor  mar  b'  abhaist  dha.  Ach  air  a 
shon  sin  bha  anam  air  a  thilgeadh  sios  an 
taobh  a  stigh  dheth. 

Ach  ged  shaoil  esan  gu'n  do  tlireig  Dia  e 
bha  Dia  dliith  dha  fad  na  h-hine,  agus  la 
no  dha  m'  an  deachaidh  e  air  bord  air  a' 
bhata  a  bha  dol  'g  a  thoirt  dhachaidh  as  an 
Afric  dh'  fhalbh  an  dorchadas  a  bha  air 
anam,  is  lion  sith  do-labhairt  a  chridhe. 
Cha  b'  urrainn  e  innseadh  ciamar  a  thachair  e, 
ach  a  mhain  gu'n  do  lion  sith  agus  lathair- 
eachd Dhe  a  chridhe,  agus  gun  e  a'  smuain- 
eachadh  orra  idir.  Bha  e  a'  sealltuinn  air 
clann  dhubha  a  bha  a'  cluich  an  uair  a  thach- 
air an  rud. 

Ma  tha  fiosrachadh  pearsonta  agad-sa, 
a  leughadair,  air  an  staid  inntinn  anns  an 
robh  am  faidh  Eliah  agus  an  t-Easbuig 
Wilkinson,  glac  misneach  as  tir.  Bheir  Dia 
a'  bhuaidh  dhuit  tre  ar  Tighearn  losa  Criosd. 
Ach  cha  dean  e  sin  ach  air  aon  chumha,  gu'm 
bi  do  choguis  glan  'n  a  fhianuis  agus  gu'n 
toir  thu  thairis  do  Dhia  (los  an  cur  as  an 
t-sealladh)  gach  peacadh  a  tha  seasamh 
eadar  thu  fein  agus  Dia  mar  neul  tiugh. 
Buidheachas  do  Dhia  tha  Crann-ceusaidh 
a  mhic  a'  cur  as  an  rathad  gach  ni  a  tha 
seasamh  eadar  Dia  agus  am  peacach. 

0  Uain  mo  ghraidh,  t'  fhuil  phriseil,  bhlath, 

Cha  chaill  gu  br^th  a  brigh, 
Gus  am-bi  mhuinntir  shaort'  air  fad, 

Bho'm  peacadh  glan  d'a  trid  . 


6 


AN  T-URRAJMACH  DOMHNULL  MACARTHUR 


Ciod  air  bith  na  smuaintean  no  na  faireach- 
duinnean  a  dh'  fhaodas  a  bhi  againne  chan 
atharraich  sin  Firinn  Dhe,  agus  is  e  Firinn 
Dhe  gu'n  do  shaor  e  peacaich  le  bas  a  Mhic, 
agus  gu  bheil  sinn  tearuinte  ann-san,  ar 
droch  choguis  air  a  glanadh  le  fuil  luachmhor 
Chriosd  agus  ar  cridheachan  air  an  deanamh 
'n  an  teampuill  do'n  Spiorad  Naomh. 

Car  son,  ma  ta,  a  tha  thu  air  do  thilgeadh 
sios,  0  m'  anam  ?  earb  thusa  a  Dia,  oir 
fathast  molaidh  mi  e  ;  slainte  mo  ghntiise 
agus  mo  Dhia. 

Earb  thusa  a  Dia 

Is  arm  arm  an  lathaireaclid  Dhe  a  tha 
Heart  a'  chreidmhich.  Ma  tha  Dia  leinn 
CO  dh'  fhaodas  a  bhi  'n  ar  n-aghaidh  ?  Is 
sona  esan  as  urrainn  a  radh  daonnan,  "  Chan 
'eil  mi  'n  am  aonar  ;  feuch  tha  an  t-Athair 
maille  rium."  Tha  Ceannard  an  slainte 
maille  ri  shluagh  anns  gach  deuchainn ; 
"  feuch  tha  mise  maille  ribh  a  ghnath,  gu 
deireadh  an  t-saoghail." 

Eadhon  ged  bhitheamaid  iosal  'n  ar 
spiorad  fein  feuchamaid  ri  misneach  a 
thabhairt  do  dhaoine  eile  a  tha  onrachdach 
no  lag-chridheach.  An  tiis  a  mhinistrealachd 
chuir  an  searmonaiche  mor,  an  Dotair 
Talmage,  roimhe  nach  liiibhradh  e  searmon 
gu  brath  gun  mhisneach  a  thoirt  do  dhaoine 
a  bha  lag-chridhecah  agus  eagal  orra  roimh 
na  leomhainn  a  bha  anns  an  t-slighe.  Thubh- 
airt  an  t-Ollamh  loseph  Parker,  a  bha  an 
eaglais  an  Teampuill,  an  Lunnainn,  na'n 
robh  e  a'  toiseachadh  air  a  mhinistrealachd 
fein  as  \iv,  gu'n  sgriobhadh  e  litir  a  dh' 
ionnsuidh  gach  duine  a  b'  aithne  dha,  an 
am  trioblaid,  a  thoirt  comhfhurtachd  dhaibh. 
Sin  ministrealachd  a  bheannaicheas  Dia 
daonnan,  agus  ministrealachd  a  dh'  fhaodas 
a  bhi  air  a  coimhlionadh  le  daoine  nach  b' 
urrainn   searmonachadh  an   ctibaid. 

Tha     onrachdas     agus     onrachdas     ann ; 


onrachdas  a  tha  searbh  do'n  chridhe,  agus 
onrachdas  eile  anns  a  bheil  beatha  agus 
leigheas  do'n  chridhe  leonta.  An  am  broin 
is  maith  leat  faotainn  air  falbh  gu  samhach 
agus  gu  h-uaigneach  leat  fein  ;  do'n  chridhe 
throm  chan  'eil  ann  an  companas  dhaoine 
eile  air  uairean  ach  sgiths.  An  uair  a  thainig 
Gehasi  fagus  gus  a'  Bhan-sunamach  a  chur 
air  falbh,  thubhairt  an  duine  le  Dia,  "  Leig 
dhi,  oir  tha  a  h-anam  air  a  chradh  innte." 
An  uair  a  tha  anam  duine  air  a  chradh  tha  e 
'n  a  fhaochadh  dha  faotainn  air  falbh  bho 
ghoileab  an  t-saoghail  gu  aite  onrachdach 
far  am  bi  e  leis  fein. 

Onrachdas  a'  bhais 

Tha  onrachdas  anns  a'  bhas  do  nah-uile, 
oir  feumaidh  gach  neach  dol  an  cotnneamh 
a'  bhais  leis  fein,  ach  tha  onrachdas  iongan- 
tach  ann  do  chuid  de  dhaoine.  Nach  bu 
sholuimte  am  fiosrachadh  a  bha  aig  Maois 
an  uair  a  dh'  iarr  Dia  air  dol  suas  gu  sliabh 
Nebo,  gu  mullach  Phisgadh,  far  an  d'  fhuair 
e  bas,  ann  am  fearann  Mhoaib,  agus  gun 
chompanach  maille  ris.  Theagamh  gu  bheil 
cuimhne  agad,  a  leughadair,  mar  thachair 
do  Chaiptean  Scott  agus  d'a  chompanaich 
ann  an  criochan  na  h-Antarctic.  Bha  iad 
air  an  glasadh  a  steach  le  cur  is  cabhadh  nach 
b'  urrainn  dhaibh  dol  'n  a  aghaidh.  Thilg 
fear  as  deidh  fir  d'a  chompaniach  an  deo  ; 
bha  Caiptean  Scott  air  fhagail  'n  a  aonar. 
Ach  onrachdach  's  mar  bha  e  ann  an  cridhe 
na  h-Antarctic,  a'  basachadh  le  fuachd  is 
acras,  cha  do  ghfearain  e,  agus  cha  do  rinn 
e  ciiichran  no  caoidh.  Sin  agad  misneach 
as  fhiach  misaeach  a  rMh  rithe !  Gu'm 
biodh  a'  mhisneach  so  agus  an  earbsa  IMdir 
so  againne  cuideachd  an  uair  a  ruigeas  sinn 
an  t-aiseag  deireannach.  "  Seadh,  ged 
shiubhail  mi  troimh  ghleann  sgaile  a'  bh^is 
cha  bhi  eagal  uilc  orm,  oir  tha  thusa  maille 
rium  ;  bheir  do  shlat  agus  do  lorg  comh- 
fhurtachd dhomh." 


An  t-Urramach  D5mhnull  MacArtuir 


AIR  an  naoidheamh  latha  de  mhios  deire- 
annach an  earraich  chaochail  an  t-Urramach 
Dombnull  Mac  Artuir.  O  chionn  beagan  is 
bliadhna  leig  e  dheth  an  coimhthional  a 
bha  aige  an  Bhatarnis  do  bhrigh  gu  robh  a 
shlainte  air  f&,ilneachadh,  agus  bho  'n  ^m  sin 
bha  e  a'  fuireach  ann  an  Dim-bheagain . 

Is  ann  a  mhuinnteir  lochdar-Throiternis 
anns  an  Eilean  Sgitheanach  a  bha  e.  Bha 
e  ochd  deug  agus  tri  fichead  bliadhna 
dh'  aois  agus  c6ig  agus  d^  fhichead  bliadhna 
anns    a'    mhinistreileachd.      Shaothraich    e 


fad  na  h-tiine  sin  an  Leodhus,  Beinn-na- 
faoghla,  agus  anns  an  Eilean  Sgitheanach, 
far  an  do  rinn  e  c^irdean  dileas  dlia  fhein, 
a  bha  fo  bhron  nuair  a  chual  iad  m'a  bhas.  . 
Bha  e  'na  dhuine  coir  fialaidh,  cairdeil, 
a  bha  a'  tarruing  'ga  ionnsuidh  scan  agus 
6g,  oir  bha  gach  aon  a'  faotainn  ann  cair- 
deas  agus  taic.  Ach  is  ann  mar  mhinisteir 
agus  mar  fhear-teagaisg  a  chumar  cuimhne 
air  gu  sonruichte,  oir  cha  robh  moran  air 
Gh&idhealtachd  a  bha  an  saothair  cho 
soilleir   air    a    bheaimachadh  leis   an   Tigh- 


AN  LOCHRAN  SIORRUIDH 


earna.  Bha  e  'n  a  shearmonaiche  durach- 
dach,  driiidhteach,  aig  an  robh  buaidh 
mhor  air  an  luchd-eisdeachd.  Tha  sinne  a' 
creidsinn  gu'ni  buin  dhasan  am  beannachd 
air  am  bheil  Daniel  a  deanamh  iomraidh  : 
"  Agus  de^raidh  iadsan  a  ta  glic  mar 
shoilleireachd   nan    speur ;      agus    iadsan    a 


thionndaidheas   moran  gu  fireantachd  mar 
na  reultan  fad  saoghail  nan  saoghal." 

Tha  ar  co-fhaireachdainn  a'  dol  a  mach 
dh'  ionnsuidh  na  bantraich  agus  an  teagh- 
lach  'n  am  bron,  agus  tha  sinn  'g  an  earbsadh 
ris  an  ti  a  thubhairt  "Is  leoir  mo  ghras-sa 
dbuit." 
Alasdair  MacFhionghain,  Snisort-a-Tuath. 


An  Lochran  Siorruidh 

Leis  an    Urramach  Colla  Ddmhnullach,  D.D.,  Sgir  an  Lagain. 


CHAN  ann  's  an  Eiphit  no  am  Babilon,  amis' 
a  Ghreig  no  anns  an  Roimh,  no  ann  an 
dtithaich  mhor  bheartach,  a  ehaidh  an 
lochran  so  a  lasadh  ach  ann  an  tir  bheag 
bhochd  agus  am  measg  sluaigh  le  beagan 
foghluim.  Ach  ehaidh  solus  an  lochrain 
.so  a  mach  air  feadh  an  t-saoghail  uile,  Facal 
an  Tighearn  a  bha  air  a  labhairt  air  ttis  tre 
fhciidhean  Israeli  agus  a  bha  air  a  labhairt 
anns  an  l^ithean  deireannach  tre  losa  Criosd, 
a  IVIhac. 

C'aite  a  bheil  Idchran  a  ■  shoillseachadh  na 
dachaidh  a  chuireas  sinn  a7i  coimeas  ris  ? 
Faodaidh  comhfhurtachd  agus  eadhon  fogh- 
lum  a  bhj  ann  an  tigh  ged  tha  na  dorsan 
gtaiste  agus  na  h-uinneagan  duinte  an 
aghaidh  an  t-soisgeil.  Faodaidh  an  sokis- 
dealain  a  bhi  boillsgeadh  air  balla  agus  air 
tirlar  le  soillsea  dhallas  ar  suilean,  ach  chan 
'eil  anns  an  dachaidh  do  nach  aithne  solus 
an  t-soisgeil  ach  tiugh  dhorchadas.  Faod- 
aidh am  bothan  a  bhi  beag,  agus  gun  ann 
ach  aon  chruisgean  dubh,  ach  ma  tha  am 
Biobull  ann  an  urram  agus  a  theagasg  a 
riaghladh  cridheachan  a  mhuinntir,  tha  solus 
anns  an  tigh  sin. 

Is  e  am  Biobull  a  shoUlsicheas  baile  agus 
til-  cho  math  ris  an  dachaidh.  Is  ann  re 
an  dorchadais  a  tha  mort  agus  meirle  agus 
droch  ghniomhachas  an  t-saoghial  air  an 
deanam.h.  Thigeadh  gainne  soluis  air  na 
baUtean  mora  agus  cha  chum  arm  dearg  an 
Righ  na  h-aingidh  fo  smachd. 

Is  mor  olcas  an  t-saoghail  agus  dh'fheuch 
iighichean  gun  aireamh  a  chreuchdan  a 
leigheas.  Chuir  aon  earbsa  ann  an  sgoiltean, 
ag  iarraidh  sgoiltean  fhosgladh  agus  gu'n 
dunadh  iad  na  priosain.  Tha  fear  eile  ag 
radh,  Thoir  tuarasdal  math  do  dhaoine, 
tighean  anns  a  bheil  comhfhurtachd,  agus 
obair  aotrum,  agus  brisidh  tu  cumhachd 
Shatain  anns  an  t- saoghal. 

Ach  deanadh  daoine  na  thogras  iad  chan 
aithne  dhuinn  ach  aon  lochran  a  sgaoUeas 
dorchadas  a'  pheacaidh,  agus  is  e  sin  am 
Biobull,   am   Biobull  anns  a   bheil   soisgeul 


losa  Criosd.  Faiceadh  an  duine  e  fein  'n  a 
pheacach  agus  tuigeadh  e  gur  e  Criosd  am 
Fear-Saoraidh  agus  cha  bhi  e  fada  fo  chumh- 
achd  an  dorchadais.  Ged  tha  aingidheachd 
ar  dtithcha  fein  graineil  gu  leoir  tha  ar 
bailtean  naomh  seach  bailtean-m6ra  nan 
cinneach  aig  nach  'eil  eolas  air  an  t-soisgeul. 

Is  e  am  Biobull  an  lochran  air  son  malairt 
an  t-saoghaU.  Tha  moran  am  beachd  nach 
'eil  teagaisg  a'  Bhiobuill  freagarrach  air  son 
malairt  agus  tha  am  beachd  mearachdach 
so  a'  buaireadh  dhaoine  agus  a'  toirt  orra 
ceilg  agus  seoltachd  a  ghnathachadh .  Faod- 
aidh soirbheachadh  a  bhi  aig  luchd  na  ceUg 
car  tacan,  ach  chan  fhada  a  mhaireas  an 
rath . 

Bha  gille  6g  a'  dol  a  mach  do  dhiithaich 
chein  far  am  bitheadh  l^imhseachadh  mor 
aige  agus  fhuair  e  cuireadh  o  luchd-eolais 
an  coinneachadh  ann  an  tigh-cuirm  oidhche 
no  dha  mu'n  robh  aige  ri  seoladh.  Bha  seana 
mharsanta  an  lathair  agus  labhair  e  air  a' 
mJiodh  so — "  Cluinnidh  thu  daoine  ag  rMh 
nach  dean  duine  feum  gun  cheilg  an  diugh, 
ach  tha  toil  agam  comhairle  a  thoirt  ort  agus 
rabhadh  a  thoirt  dhuit.  Tha  mise  corr 
agus  da  fhichead  bliadnna  ri  malairt,  agus, 
mar  is  aithne  dhuit,  ehaidh  an  saoghal  gu 
math  learn,  ach  cha  d'  thug  mi  an  car  a 
neach  riamh.  Bi  dileas  agus  dichiollach  ach 
na  gabh  cothrom  eucorach  air  neach  gu 
brath,"  Rinn  an  seann  duine  so  obair-la 
ann  an  solus  a'  Bhiobuill  agus  air  teachd  na 
h-oidhche  rinn  e  suas  a  chunntais  anns  an 
t-solus  cheudna.  Na'n  robh  a  sheorsa  lion- 
mhor,  bhiodh  earbsa  agus  cairdeas  am  measg 
luchd-m.alairt  nach  'eil  ann. 

Is  e  am  Biobull  lochran  na  h-eaglais. 
Biodh  a  sholus  a'  dealradh  ann  an  cridh- 
eachan an  t-sluaigh  agus  bithidh  slainte 
spioradail  aig  a'  cJio-thional.  Tha  an  eaglais 
mar  thigh -eiridinn  anns  am  bi  an  spiorad 
leointe  air  a  leigheas  agus  is  e  lochran  an 
fhocaU  a  tha  na  Iighichean  a'  tionndadh  air 
gach  trioblaid  agus  euca.il..  Lasaidh  solus 
a'    Bhiobuill    a    suas    na    frogan    diomhair 


AN  LOOHRAN  SIORRUIDH 


dorcha  ann  am  beatha  a'  pheacaich.  Tha 
a  theachdaireachd  freagarrach  anns  gach 
suidheachadh,  agus  tha  solus  a  lochrain  a' 
soillseachadh  gach  ceist  a  tha  dorcha  agus  a' 
deanamh  soilleir  gach  cuis  a  tha  doilleir. 

Tha  aon  ni  eile  a  tha  fillte  suas  ann  an 
dorchadas  as  eugmhais  lochran  an  fhocail. 
Ann  am  beachd  gach  treubh  agus  cinneach 
tha  am  bas  agus  dorchadas  gle  fhaisg  air  a 
cheile.  Bithidh  sinn  a'  labhairt  air  oidhche 
dhorcha  a'  bhais  agus  chan  ann  gun  aobhar. 
Tha  an  inntinn  nadurra  gun  chobhair  ann  an 
lathair  dorchadas  na  h-uaighe.  Bha  na  h- 
Eiphitich  a'  lasadh  choinnlean  aig  uaighean 
nam  marbh  agus  daoine  beartach  a'  cur  air 


letb  'n  an  dileab  airgiod  a  chumadh  solus 
laiste  mu'  n  aite  taimh.  Tha  an  lethsgeul 
ri  ghabhail,  ach  ciod  e  an  lethsgeul  a  tha. 
aig  moran  'n  ar  linn  fein  a  tha  diultadh  an 
t-soluis  a  sgaoileas  dorchadas  a'  bhais  agus 
na  h-uaighe.  Tha  teagasg  a'  Bhiobuill 
furasda  a  thuigsinn  agus  tha  e  a'  sasuchadh 
iarrtais  ar  cridheachan.  Tillidh  a  cholunn 
do'n  iiir,  agus  tillidh  an  spiorad  do'n  Spiorad 
o'n  d'  thainig  e.  Thug  losa  Criosd  buaidh 
air  an  uaigh  agus  air  a'  bhas,  agus  iadsan 
aig  am  bheil  spiorad  Chriosd  agus  a  tha  a' 
basachadh  annsan,  theid  iad  troimh  dhorch- 
adas  a'  ghlinne  chum  na  rioghachd  shiorruidh 
anns  am  bheil  solus  air  nach  tig  smal. 


An  Geamhradh 

Leis  an  Urramach  Calum  Laing,  M.A.,   Uidhist-a-Deas. 


Is  maireann  ar  comunn  ri  cuan 
Ar  n-eilean  'na  laigh'  air  a  bhois — 
A  mheoirean  's  gach  geodha  mu'n  cuairt 
A' bualadh  le  nuallan  gun  fhois. 
Nuair  'sbeideas  an  doineann  le  toirm 
A'  sguabadh  na  sgothan  le  rot, 
Bidh  onfhadh  o  chuinnsan  na  stoirm 
'B^thadh  nan  sgeriean  le  cop. 

Mar  's  minic  a  thainig  o  thuath 
Luingeas  Lochlainn  a  thogail  na  creich, 
Le  sathadh  thig  sitheadh  nan  stuadh 
Mar  armailt  a'  marcachd  air  eich  ; 
Thig  gaoth  choimheach,  cholgach  le  fuaim, 
Greann  ghruamach  a'  bhais  air  a  bus, 
Frasach,  frionasach,  fearrghaidh   is  fuar, 
A'  lomadh  ri  l^r  gach  lus. 


Le  aithghearrachd  astar  na  grein' 
Thig  sineadh  an  sinteig  na  h-oidhch' 
Thig  coineig  air  cruthachd  nan  speur 
Le  neoil  air  an  iomain  le  gaoith  ; 
Thig  caochladh  air  aogas  an  t-sleibh, 
Air  machair  's  air  mointich  's  air 
Thig  inneadh  air  ionaltradh  spreidh', 
'S  cha  chluinnear  na  h-eoin  a'  seinn. 


beinn 


Ach  's  cinnteach  gu'n  ath-chinn  gach  flur 
A  chriib  fo  fhasgadh  's  a  shearg, 
Nuair  thig  Earrach  le  aiseirigh  ur 
A  dhiisgadh  gach  poir  a  bha  niarbh  ; 
'S  gu  fosgail  gach  binn-ghob  a  dhuin 
An  dtisal  na  diidlachd  cho  balbh, 
Nuair  'thilleas  na  caomh  shiantan  ciiiin 
'Dh  'aiseag  na  chaochail  's  na  dh'  fhalbh. 


Laoidh 


Ceud  faUt  ort  a  mhadainn, 

A  mhadainn  an  ^igh ; 

Chaomh  mhadainn  gun  ghruaimean, 

Gun  smalan  gun  bhruaillean; 

Ghlan-rosgaibh  gun  smuairean, 

Lan  uaisle  is  graidh ; 

Duisg  aoibhneas  neo-thruailhdh, 

Mhaireas  buan  gu  brath. 


Biodh  d'  ghrian-sa  le  h-aoibhneas, 
A'  boillsgeadh  's  a'  dearrs ; 
A'  fogradh  's  a'  fuadach, 
Gach  ceathach  is  gruaim; 
O  gach  cridh'  tha  'n  cruadal, 
Fo  uamhann  a'  bhais ; 
Dhaibh  innis  gu'n  bhuadhaich, 
An  t-Uan  anns  a'  bhlar. 


Dhaibh  innis  gu'm  fac  thu, 

kSar  ghaisgeach  nam  buadh, 

A'  mosgladh  's  a'  dusgadh, 

O'n  chadal  bu  chiiiin : 

Mar  mhadainn,  a  ghnuis-gheal, 

Gun  smiiirein  gun  ghruaim ; 

Gu'n  chreachadh  's  gu'n  spuinneadh, 

An  iiir  leis  's  an  uaigh, 

Domichadh  MacGhilleathain. 


Aireamh  7 


1946 


An  Criosd  a  b'aithne  do  Phol 


NACH  ard  agus  nach  iongantach  a'  chainnt 
anns  a  bheil  Pol  a'  labhairt  mu  Chriosd  anns 
an  litir  a  sgriobh  e  gu  eaglais  nan  Colosianach, 
"  Neach,"  arsa  esan,  as  e  iomhaigh  an  De 
neo-fhaicsinnich,  ceud-ghin  a'  chruthachaidh 
uile,  oil"  is  ann  leis-san  a  ehruthaicheadh 
na  h-uile  nithean  a  tha  air  neamh  agus 
a  tha  air  talamh  ....  agus  tha  esan  roimh 
na  h-uile  nithibh,  agus  trid-san  tha  na 
h-uile  nithean  a'  comh-sheasamh  ;  .  .  .  . 
neach  as  e  an  toiseach,  an  ceud-ghin  o  na 
mairbh  :  chiim  gu'm  bitheadh  aige  ard- 
cheannas  anns  na  h-uile." 

Bha  cunntas  air  beatha  Chriosd  air  a 
sgriobhadh  aig  iomadh  am  agus  le  ioniadh 
duine  a  bha  air  thalamh,  o  Mharcus  agus 
Lucas  gu  Middleton  Murry  agus  Papini, 
ach  na'n  d'thainig  e  ann  an  inntinn  Phoil 
beatha  Chriosd  a  sgriobhadh,  b'e  sin  an 
leabhar  a  b'fhiach  leabhar  a  radh  ris. 

Ach  ged  nach  do  sgriobh  Pol  beatha 
Chriosd  gheibhear  anns  a  h-uile  litir  a 
sgriobh  e  riamh  smuaintean  mu  Chriosd 
agus  mu'n  aite  a  bhuineas  dha  anns  a' 
chruthachadh,  agus  ann  an  rim-diomhair 
Dhe,  agus  ann  an  tearnadh  an  t-saoghail, 
agus  anns  an  eaglais,  a  tha  cho  fada  os  cionn 
ar  fradhairc  agus  ar  tuigse  nadurra  's  gu'm 
faod  thu  a  bhi  cinnteach  nach  e  fuil  no  feoil 
a  dh'fhoillsich  dha  iad. 

Tha  dliith  air  da  mhile  bliadhna  bho  thug 
Pol  an  fhianuis  so  mu  Chriosd  gu  bheil  aige 
ard-cheannas  anns  na  h-uile,  ach  chan  'eil 
comharradh  air  bith  ri  fhaicinn  gu  bheil  e 
a'  call  an  aite  a  thug  Pol  dha,  oir  tha  'ainm 
agus  a  chliu  a'  meudachadh  a  h-uile  bliadhna, 
air  chor  agus  nach  robh  neach  eile  riamh 
air  an  t-saoghal  air  an  robh  eolas  aig  uiread 
dhaoine.  Is  rioghachd  shiorruidh  a  riogh- 
achd,  agus  bidh  'ainm  co-mhaireann  ris  a' 
ghrein. 

An  diugh  tha  a'  Pharlamaid  as  sine  agus 
as  cumhachdaiche  air  an  t-saoghal  a'  feuch- 
ainn  ri  geill  a  thoirt-do  thoil  agus  do  theagasg 
Chriosd  anns  na  h-achdan  a  bhios  i  a'  dean- 
amh  eadhon  mu  mharsantachd,  agus  chan 
'eil  duine  no  comunn  aig  a  bheil  iarrtus 
air  an  co-chreutairean  a  chuideachadh  nach 
'eil  'ga  dheanamh  an  ainm  Chriosd  agus  air 
ghaol  a  bhi  dileas  dha,     Chan  'eil  searmon 


no  oraid  a  chluinneas  tu,  anns  nach  'eil 
e  air  a  radh  gur  e  an  aon  ni  a  leighseadh 
creuchdan  an  t-saoghail,  agus  a  liubbradh 
e  o  na  truaighean  a  thainig  air,  teagasg 
Chriosd  a  leantuinn  agus  spiorad-graidh 
Chriosd  a  bhi  ann  an  cridheachan  dhaoine. 

Na'n  robh  e  air  iarraidh  ort  beatha 
Chriosd  a  sgriobhadh,  agus  na  nithean  a 
tha  thu  a'  creidsinn  uime  a  chur  sios,  ciod 
a  sgriobhadh  tu,  no  c'aite  an  toisicheadh 
tu  no  an  sguireadh  tu  ?  Thea^amh  gu'n 
toisjcheadh  tu  aig  Betlehem  agus  gu'n 
sguireadh  tu  aig  Calbhari,  agus  gu'n  innseadh 
tu  mu  na  nithean  a  rinn  e  agus  a  labhair  e, 
agus  na  daoine  ris  an  robh  gnothuch,  aige 
o  bhreith  gu  bhas.  Ach  cha  toisicheadh 
Pol  aig  Betlehem,  agus  cha  mho  a  stadadh 
e  aig  Calbhari.  Rachadh  e  air  ais  gu  riln- 
siorruidh  Dhe  'na  mhac,  a  chuir  sgail  air  a 
dhiadhachd,  a  dh'  fhas  'na  chiochran  truagh, 
agus  shealladh  e  a  ris  gu  ceann-criche  an 
t-saoghail,  agus  chitheadh  e  an  Dia-duine 
so  air  ardachadh  gu  deas-laimh  Dhe,  agus 
gach  glim  a'  liibadh  dha  agus  gach  teanga 
ag  aideachadh  gur  esan  Righ  nan  righrean 
agus  Tighearna  nan  tighearnan. 

Cha  chreideadh  Pol  a  chluasan  na'n 
cluinneadh  e  na  creidmhich  anns  na  h- 
eaglaisean  a  chuir  e  air  chois  a'  bruidhinn 
mu  losa  Criosd  mar  nach  robh  ann  ach  am 
brathair-daonna.  B'e  sin  a  bha  ann  gun 
teagamh,  brathair  agus  duine,  ach  chan  e 
sin  uile  e,  oir  tha  Pol  a'  labhairt  uime  m.ar 
"  Neach  as  e  iomhaigh  an  De  neo-fhaic- 
sinnich, leis  an  do  ehruthaicheadh  na  h-uile 
nithean  a  tha  air  neamh  agus  air  an  talamh  ; 
Mac  gradhach  an  Athar,  a  bha  maille  ris 
o  shiorruidheachd,  ach  a  dh'irislich  e  fein 
gu  bas  chiim  beatha  a  thoirt  do  mhoran." 

Sin  an  Criosd  a  shearmonaich  Pol  mar 
Shlanuighear  an  t-saoghail,  Criosd  a  bha 
aon  uair  ann  an  staid  iosal,  ach  a  tha  nis 
cho  cumhachdach  agus  cho  treun  's  gu'm 
faod  neach  air  bith  a  chreideas  ann  dearbhadh 
a  bhi  aige  gu  bheil  e  comasach  air  an  ni  a 
dh'earb  e  ris  a  choim.head  fa  chomhair  a 
theachd.  vSin  an  teisteanas  a  thug  Pol  do 
Chriosd,  agus  ann  an  aite  eile  tha  e  ag  radh, 
"  Ge  b'e  neach  a  chreideas  ann  chan  fhaigh 
e  briseadh-diiil." 


AN  COTA  'S  AN  DUINE 


Sin  an  gealladh  no  an  fhirinn,  a  leugh- 
adair,  air  am  faod  thu  greim.eachadh  le 
do  dha  laimh,  nach  d'fhuair  neacli  rian3.h 
briseadh-diiil  ann  an  Criosd.  Agus  chan 
fhaigh  neach  gu  brath  briseadh-diiil  ann. 
Coimhlionaidh  e  an  ni  a  gheall  e  dhuit,  agus 
barrachd ;  criochnaichidh  e  an  obair  air 
an  do  thoisich  e  annad  ;  agus  coimheadaidh 
e  thu  'n  ad  dhol  a  mach  agus  'n  ad  theachd 
a  steach.  Mar  is  dual  do  Righ,  tha  e  uasal 
agus  riogJiai]  'na  nadur  agus  'na  ghniomharra; 
an  uair  a  bheannaicheas  e  beannaichidh  e  gu 
pailt ;  an  uair  a  mhaitheas  e  maithidh  e  gu 
saor  ;  an  uair  a  bheir  e  tiodhlac  bheir  e  gu 
fialaidli  e.  Sin  an  Criosd  a  b'  aitline  do 
Phol  ;  Neach  a  mhaireas  a  throcair  gu 
brath  ;  Neach  a  ghradhaich  an  cinne-daonna 


uile  le  gradh  siorruidh  ;  Neach  anns  nach 
fhaigh  am  poacach  as  miosa  no  an  naomh  as 
fhearr  briseadh-diiil,  agus  Neach  aig  a  bheil 
ard-cheannas  anns  na  h-uile. 

Ard-cheannas  ;  is  esan  am.  Maighstir, 
sinne  na  seirbliisich,  agus  is  e  cuid  an  t- 
seirbhisich  a  bhi  dileas  d'a  mhaigbstir, 
agus  dichiollach  air  cheann  a  ghnothuich. 
-  Ann  am  beatha  cuid  de  dhaoine  chan  'eil 
aite  idir  aig  Criosd  ;  ann  am  beatha  feadh- 
nach  eile  tha  aite  aige,  ach  chan  'eil  a'  cheud 
aite  aige  ;  ach  tha  Criosd  ag  iarraidh  oirnn  a' 
cheud  aite  'n  ar  cridhe,  ard-cheannas  'n  ar 
beatha,  agus  mur  toir  sinn  dha  e,  cha  bhi 
an  t-eolas  againn  air  a  bha  aig  Pol.  "  An 
ti  a  ghradhaicheas  athair  no  mathair  na's 
mo  na  mise,  chan  airidh  orm  e." 


An  Cota  's  an  duine 

Leis  an    Urramach,   Calum  MacGilleathain,  M.A.,  An  Toiseachd. 


AN  uair  a  chuimJinicheas  sinn  air  Joseph, 
agus  e  beag,  cuimhnichidh  sinn  air  a'  chota 
iom.adhathach  ud  a  thug  athair  dha,  cota 
cho  m.ath  agus  cho  aluinn  agus  air  an 
ruigeadh  gradh  athar.  Is  e  nadur  a'  ghraidh 
a  bhith  toirt,  tha  an  gradh  toirbheartach, 
fialaidh  an  comhnuidh.  An  gradh  is  moth  a 
th'ann  is  e  as  motha  thug.  "  Is  ann  mar  so 
a  ghradhaich  Dia  an  saoghal."  .  .  .  .  "  An 
tiodhlac    do-labhairt." 

Bha  loseph  agus  an  cota  mar  gum  biodh  iad 
'nan  aon  chur  is  dltith  eadar  feoil  is  fuil  is 
aodach.  Is  ann  m.ar  sin  is  abhaist  duinn  a 
bhith  cuimhneachadh  air  daoine  araid,  air 
an  aodach  a  bhiodh  umpa.  Tha  an  t- 
aodach  a'  fas  coltach  ris  an  duine,  agus  tha 
sean-fhacal  againn,  "Is  e  an  duine  an  t- 
aodach,"  ach  is  iomadh  duine  bochd  a  bhiodh 
air  a  dheagh  sgeadachadh  ach  a  chotTirom  a 
bhith  chom.h  follaiseach  agus  a  tha  an- 
cothrom.  Cha  choir  duinn  a  bhith  toirt 
breith  obann  no  breith  bhuan  air  duine  a 
reir  a  thrusgain,  ach  tha  sinne  cleachte  ri 
bhith  ag  aithneachadh  dhaoine  air  an  cuid 
aodaich,  m.ar  a  dh'aithnicheas  sinn  iad  air 
an  coiseachd.  Agus  dh'aithnicheadh  daoine 
loseph  m.ile  air  falbh  leis  a'  chulaidh  sgiam.h- 
aich  a  bha  air ! 

Mu  dheireadh  chaill  e  an  cota  bha  so. 
Thug  a  bhraithrean  bhuaidhe  e  agus  iad 
air  son  gum  mealladh  iad  athair  leis.  "  So 
agaibh,"  arsa  iad  ri  an  athair,  "  eudach  a 
fhuair  sinne!"  Sheall  lacob  air  a'  chota, 
's  e  air  a  reubadh  's  air  a  shracadh,  agus  e 
air  a  shalachadh  aig  an  fhuil.  "  Is  e  cota 
mo    mhic    a    tha    ann !      loseph !      Mharbh 


fiadh-bheathach  air  choir-eigin  e,"  agus 
thoisich  am  bron  agus  a'  chaoidh,  agus  cha 
ghabhadh   srian   cur  ris. 

Nach  neonach  an  droch  ni  a  tha  'san 
fhuil  aig  a'  chinne-daonna.  An  eachdraidh 
a'  gharaidh,  cha  luaithe  bha  dithis  bhiaith- 
rean  air  thalamh  na  m.hort  an  dara  fear 
am  fear  eile.  Agus  tha  com.harradh  Chain 
air  clann  nan  daoine  o'n  iiair  sin.  Stri  is 
comh-stri,  fuath  is  faimad,  masladh  is 
milleadh,  cath  is  cogadh  ;  agus  m.ar  is 
dltiithe  an  luchd-troda  ri  cheile,  is  ann  is 
suaraiche  agus  is  seirbhe  a'  chhis.  Seal], 
mata,  air  na  h-6igearan  a  bha  an  sud.  Cha 
shoradh  iad  am  brathair  a  mhort,  ach  do 
bhrigh  agus  gun  robh  fear  aca  beagan  air 
thoiseach  air  each,  is  e  a  rinn  iad  a  reic  air 
fichead  pios  airgid,  agus  tha  fhios  aig  an 
t-saoghal  gu'n  robh  sin  suarach  gu  leor. 
Ach  is  e  bu  mhath  leinn  a  thoirt  fainear 
chomh  ionraic,  faicilleach  agus  a  bha  na  fir 
agus  iad  a'  reic  an  naidheachd  ri  an  athair 
(agus  iad  a'  reic  an  athar  mar  a  reic  iad  am 
brathair,  is  e  sin,  a'  buntainn  buileach 
suarach  ris).  Cha  d'thuirt  iad  breug!  Cha 
robh  facal  breige  aca !  Na  dearg  mhearlaich 
agus  na  siochairean,  a  theab  a  bhith  'nam 
mortairean,  rinn  iad  a'  chilis  glan  air  an 
athair  gun  bhreugairean  a  dheanamh  dhiubh 
fein !  Agus  sin,  a  ris,  sealladh  a  tha  'na 
chuis  smaoinich  ;  ach  is  sealladh  e  a  tha  cho 
cumanta  ris  an  teaghlach  do  am  buin  sinne 
uile.  Gheibh  duine  cota,  cuiridh  e  full  air, 
bheir  e  seachad  e  do'n  duine  eile  agus  e  ag 
radh,  "  Seall  so,  a  bheil  fios  de  is  ciall  da 
so  ?  "  agus  fhios  aige  gle  m.h.aith  nach  'eil 
ach     aon     chom.h-dhunadh    aig    an    duine 


AN  COTA  'S  AN  DUINE 


3 


bhochd  eile  ,2;iis  an  leum  o.  "  Ts  e  cota  mo 
itihie  a  tha  ann.  Gun  teaga.juh  sam  bitli 
chaidh  e  as  an  i  athad !  ' '  Tha  an  droch 
obair  so,  am  mealladli  a  tha  aig  daoine  air 
a  cheile  le  bhith  a'  tairgse  leth  na  firinn  agus 
a'  cleith  na  leth  eile,  chomh  cum.anta  ris 
an  oidhche  dhuibh.  Agus,  mo  thruaighe! 
chleaehd  an  eaglais  an  dearbh  dhroch  cleas. 
Agus  so  agaibh  naidheachd  bheag  a  chuireas 
solus  air  a,'  chuid  sin  de'n  chilis. 

An  uair  a  bha  mise  na's  oige  na  tha  mi 
ehaidh  mi  a  dh'amhare  air  f  ior  dhuine  diadh- 
aidh  agus  urramach  a  bha  'na  mhinistear  air 
a'  Ghaidhealtachd,  agus  a  chliii  am  measg  nam 
braithrean  gu  leir.  Thug  e  leis  sgriob  mi  a 
cheilidh  air  ministear  eile  a  bha  air  tighinn 
do'n  aite  aige  air  son  a  shlainte,  fear  a  bha 
gu  math  na  bu  shine  na  e  fein,  agus  e  air  a 
shaothair  mar  mhinistear  a  chriochnadh ; 
agus  cha  b'ann  de'n  eaglais  de  an  robh  an 
dithis  againne  a  bha  e.  Rinn  sinn  ceilidh 
beag,  agus  m.a's  math  m.o  chuimhne,  rinn  m.o 
charaid  urnuigh,  agus  an  triuir  againn 
cuideachd.  Agus  bha  coltas  air  an  t-seann 
duine  nach  bu  mhisde  e  gun  d'thainig  sinn ! 
Cha  robh  fhios  agamsa  nach  bu  dithis  iad 
a  bha  riamh  m.or  aig  a  cheile  agus  dileas  do 
chach-a-cheile. 

Bliadhnachan  an  deidh  sin  bha  mi  aon 
uair  eile  an  tigh  md  charaid,  agu.s  bha  sinn 
a'  deanamh  luaidh  air  nithean  a  rinn  daoine 
aon  uair  'san  eaglais,  agus  iad  air  son  "  cur 
as  do  bhuachaille  nan  aislingean."  Agus 
so  an  naidheachd  a  dh'innis  e  dhomh  gu 
citiin,  reidh,  socair.  Bha  e  air  ceann  a'' 
cheud  choimhthionail  a  bha  aige  an  uair 
a  thoisich  an  troimh-cheile  a  rinn  aonadh 
nan  eaglaisean  mu  1900.  Og  agus  mar  a 
bha  e,  bha'earbsa  aig  a  luchd-dreuchd  ami, 
agus  thuirt  e  riutha  gun  robh  e  de'n  bheachd 
gun  robh  an  t-aonadh  ceart,  agus  gach  mi 
a  bhathas-a'  deanam.h  laghail  is  iomchuidh. 
Agus  bha  gu  maith,  agus  cha  robh  gu  h-olc, 
gus  an  d'thainig  ministear  a  bu  shine  na  e 
fhein  a  bha  an  aghaidh  an  aonaidh  agus  an 
do  chruinnich  e  an  grunnan  beag  de  luchd- 
dreuchd  chuige  fein.  Bha  seorsa  de  ainm 
aig  an  duine  'san  t-siorrachd  mar  dhuine 
comasach  agus  mar  shearmonaiche.  Chuir 
e  bocain  orra.  Ach  is  e  am  bocan  a  rinn  am 
niilleadh  glan  am  Biobull  a  bha  aige.  Sheall 
e  am  Biobull  sin  dhaibh.  Chunnaic  iad  e. 
Bha  e  furasda  gu  leor  dhaibh  fhaicinn  nach 
e  an  leabhar  ris  an  robh  iad  cleachte  a  bha 
ann.    A  nis,  is  e  a  bha  ann  am  Biobull  air  a 


bheil  am  "  Polyglot  Bible."  Cha  bu  rud 
nuadh  e.  Bha  e  o  cliionn  fhada  aig  sgoilearan 
agus  aig  na  thogradh  a  cheannach.  Chan 
'eil  duine  a  thogras  nach  fhaod  a  lamh  a 
chur  air  fhathast.  Cuimhnich,  cha  robh 
gnothach  aig  an  aonadh  ris  an  leabhar  ud 
no  aig  an  leabhar  ud  ris  an  aonadh.  Ach 
bha  briag  a'  dol  'san  tir  gun  robh  an  eaglais 
a'  cur  evil  ris  "  An  Fhirinn,  agus  gu'n  robh 
Biobull  ur  gu  bhith  aice !  A  nis,  is  ann  aig 
Dia  tha  fhios  de  thuirt  am  ministear  ud 
ris  na  daoine  ;  ach  tha  fios  aig  Dia  air ! 
Tha  an  da  mhinistear  le  cheile  nis  far  'eil 
an  fhirinn  saor  aig  a  h-uile  fear.  Ach  so 
an  rud  a  thuirt  an  duine  coir  riumsa,  "  O'n 
la  tha  sin  cha  chreideadh  iad  facal  a  chan- 
ainn-sa  mun  aonadh."  Nach  bu  shuarach 
an  gniom.h  e !  •  Bha  an  leabhar  an  sud. 
Bha  an  siiilean  aca  fein,  agus  is  e  an  rud  a 
chi  duine  a  chreideas  duine,  's  cha  leigeadh 
fear  a  leas  a  bhial  fhasgadh.  Agus  an  comh- 
dhunadh !  Bha  Biobull  ur  aig  Eaglais  an 
Aonaidh !  Agus  cha  robh,  no  dad  de'n 
t-seorsa.  Cha  robh  ann  ach  cota  Joseph 
agus  full  air,  agus  loseph  'ga  reic,  agus  na 
h-eildearan  iad  fein  air  an  deagh  mhealladh 
leis.  Chan  'eil  teagamh  nach  e  sin  an  seorsa 
breige  is  cunnartaiche  a  tha  a  muigh.  Gu 
ta,  nach  neonach  e,  daoine  a  bhios  rithe  cha 
chanadh  iad  briag  iomlan,  mhor,  chomasach 
air  am  beatha  ;  ach  reiceadh  iad  loseph 
air  grot !  "  Deireadh  gach  sgeoil  an  asgaidh," 
is  e  an  seann  mhinistear  air  an  deachaidh 
sinne  air  cheilidh  a  rinn  an  gniomh,  mata, 
agus  is  e  loseph  a  bha  a'  tighinn  chuige  le 
choibhneas. 

Chan  'eil  air  a'  chleas  so  ach  gun  an  t- 
iomlan  innseadh,  gun  a  dheanamh  dheth 
ach  leth  na  ciiise,  agus  tha  a'  chuis  marbh- 
tach  !  "  Faodaidh  tu  fein  fios  a  bhith  agad 
air  a'  chorr,"  agus  "  faodaidh  tu  fein  a  nis 
'do  bheachd  fhein  a  bhith  agad  air  " — "  So 
an  cota,  agus  so  an  fhuil  "  agus  "  So-so." 
Ach  chan  'eil  an  fhirinn  agad,  a  dhuine. 
Tha  loseph  cho  bed  's  a  bha  e  riamh !  Le 
cead  iongantach  an  Tighearna,  a  bheir  air 
olcas  dhaoine  cliu  a  chur  air  a  mhor-ghliocas 
agus  air  a  fhreasdal,  is  e  a  tha  beo  ;  agus 
is  ann  na's  fhearr  agus  na's  fhearr  a  bhitheas 
e,  broinein.  Ach,  cuimhnich,  cha  dean  sin 
daoine  cearta  agus  daoine  direach  de  na 
braithrean  agus  chan  fheairrd  an  athair  e ! 
Cuimhnicheamaid,  mata,  gum  bi  loseph 
beo  ged  a  -chuireadh  a  bhraithrean  dath  air 
a  chota  nach  robh  riamh  air ! 


Aig  an  Ard  Sheanadh 


CIOD  air  bith  a  their  daoine  eile,  bha  mise 
am  bliadlma  ag  ionndrainn  guth  an  011ain).h 
Cox  a'  leughadh  nan  Sgriobturan.  'S  e 
fhein  agus  an  t-Ollanih  nach  maireann, 
Daibhidh  Paul  an  dithis  a  bu  druidhtiche  a 
leughadh  aro.  Biobull  de  na  chuala  mi  riamh. 
Leig  an  t-011am.h  Cox  dheth  a  dhreuchd 
mar  Ard-Chleireach  an  t-Seanaidh,  air  a 
chrtmadh  leis  gach  comharradh  follaiseach 
air  am  fabhar  a  b'urrainn  a  bhraithrean  a 
nochdadh  dha. 

Tha  Eaglais  na  h-Alba  fortanach  anns  a' 
cheum  so,  nach  'eil  e  gu  miighadh  ciod  an 
Riaghaltas  a  tha  anns  a'  Pharlamaid,  Tories 
no  Socialists,  no  ciod  an  inbhe  a  tha  aig  an 
neach  a  chuireas  iad  do'n  t-Seanadh  mar 
Fhear-ionaid  an  Righ,  Diuc  no  fear-oibre, 
a  chionn  gur  e  aon  de  na  foirbhich  aice  fhein 
a  tha  ann  am  bitheantas.  Am  bliadhna  is 
e  Seoias  Mathers,  M.P.,  a  tha  seasamh  an 
aite  an  Righ,  agus  tha  esan  'na  fhoirbheach 
an  te  a  dh'eaglaisean  Dhtm-eideann.  A 
thuilleadh  air  a  bhi  'na  shuidhe  an  cathair 
an  Righ,  tha  e  'na  bhall  anns  an  t-Seanadh. 
air  a  chur  ann  le  Cleir  Lathurn. 

Air  a'  cheud  la,  an  uair  a  thainig  na  seana 
Mhoderators  a  steach  comhla,  agus  a  shuidh 
iad  mu'n  cuairt  a'  bhiiird,  is  e  a'  cheud 
smuain  a  dh'eirich  'n  am  inntinn  gu  robh 
coslas  na  h-aoise  orra  uile.  Tha  an  t-am 
aig  an  Eaglais  ministearan  a  thaghadh 
na's  oige  air  son  na  Cathrach,  air  neo 
faodaidh  aireamh  nan  seana  Mhoderators 
dol  sios  ro  iosal  gu  luath. 

Ged  is  e  ainm  maith  Gaidhealach  a  tha 
air  Moderator  na  bliadhna  so  tha  mi  an 
diiil  gur  ann  a  dh'Obar-dheathain  a  bhuineas 
e.  Sgoilear  maith  agus  soisgeulaiche  diirach- 
dach,  rinn  e  obair  anns  na  h-Innsibh  an 
Ear  a  choisinn  dha  meas  agus  deagh-ghean 
a  bhraithrean.  Ged  nach  'eil  e  mor  tha  guth 
cruaidh,  glan  aige,  agus  chluinneadh  tu  e  gu 
soilleir  ann  an  oisean  air  bith  de'n  Talla  Mhor. 

Bha  ionndrainn  air  cuid  de  na  seann 
laoich  a  bha  an  aite-suidhe  falam.h,  gu 
sonraichte  air  Uilleam  Whitelaw,  fear  de 
na  foirbhich  a  b'fhearr  agus  a  bu  taiceile 
a  bha  aig  Eaglais  na  h-Alba  riam.h.  Bha 
dithis  ur  aig  a'  bhord  am  bliadhna,  an  t- 
Ollamh  Mata  Stiubhart,  agus  an  t-Ollamh 
White  Anderson.  Fad  na  h-uine  a  bha  mi 
anns  t-Seanadh  cha  chuala  mi  Mata  Stiubhart 
ag  radh  aon  fhacal ;  tha  e  'na  dhuine  tosdach. 
Ged  a  tha  am  ann  gu  bruidhinn,  is  maith 
an  rud  tosdachd.  Chuireadh  tosdachd  crioch 
air  an  dara  leth  de  bhuaireas  an  t-saoghail. 


Cridhe  na  h-Alba 

Na'n  rachadh  coigreach  a  steach  do'n 
Eaglais-Ard  an  Dim-eideann  air  maduinn 
Di-mairt,  air  a  lionadh  le  daoine  ionnsaichte 
agus  urramach,  agus  moran  dhiubh  sgead- 
aichte  ann  an  cleocanna  sgarlaid,  le  or  is 
purpur  orra,  a  bha  ag  innseadh  gu  robh 
Oilthighean  is  Collaistean  is  Ciiirtean-lagha 
is  Comhairlean  nam  bailtean-mora  air  son 
am  beic  a  dheanamh  do'n  Eaglais,  no  na'n 
rachadh  e  a  steach  do'n  t-Seanadh  fheiji 
la  air  bith,  no  do  aon  de  na  coinneamhan- 
mora  feasgair,  chitheadh  e  sealladh  a 
bheireadh  air  a  radh  ris  fhein  nach  'eil  an 
Creideamh  marbh  an  Albainn  fhathast. 
Cha  chuireadh  dtimhlachd  an  t-sluaigh  a  bha 
cruinn  agus  an  t-eireachdas  leis  an  robh 
gach  gnothuch  air  a  dheanamh  ionghnadh 
air  bith  air  Seoras  Mathers,  M.P.,  oir  is 
aithne  dha  Albainn  agus  Eaglais  na  h-Alba, 
ged  theagamh  gu'n  do  chuir  e  ionghadh  air 
Mghr  Attlee  (do  nach  aithne  Albainn) 
Seanadh  Eaglais  fhaicinn  an  Diin-eideann 
nach  robh  dad  air  dheireadh  air  Parlamaid 
Bhreatuinn,  an  eolas,  am  bruidhinn,  agus 
am  breithneachadh.  Saoilidh  an  fheadhainn 
a  bhios  a'  bruidhinn  ri  mor-shluagh  a  mach 
air  a'  bhlar  (nach  bi  a'  dol  do'n  Eaglais)  gu 
bheil  iad  a'  bruidhinn  ri  cluas  agus  cridhe 
na  h-Alba,  ach  tha  iad  fada  fada  air  am 
mealladh.  Chan  ann  air  an  t-sraid  no  aig 
reiseadh-chon  a  tha  smior-cridhe  na  h-Alba 
ri  fhaotainn  ach  anns  an  da  Sheanadh  a  bha 
cruinn  an  Diin-eideann.  Agus  ged  a  bhios 
Seoras  Mathers  a'  clu inntinn  bitheanta  gu 
leoir  o  chuid  d'a  dhaoine  fhein  ann  an  Tigh 
nan  Cumantan  nach  'eil  agus  nach  robh 
an  eaglais  'na  caraid  do'n  duine  bhochd  tha 
mi  cinnteach  nach  e  sin  am  beachd  a  ghabh 
e  air  an  t-Seanadh,  agus  gu'n  abradh  e  nach 
robh  daoine  eile  anns  an  rioghachd  aig  an 
robh  barrachd  iiigh  ann  an  cor  na  h-Alba 
na  bha  aig  na  ministearan  agus  na  foirbhich 
a  bha  cruinn  an  Dun-eideann. 

Ged  nach  biodh  e  ceart  a  radh  gu  bheil 
an  eaglais  a'  gabhail  gnothuich  ri  nithean 
nach  •  buin  dhi  tha  iomadh  rud  a'  tighinn 
air  beulaibh  an  t-Seanaidh  a  h-uile  bliadhna 
nach  urrainn  an  eaglais  dad  a  dheanamh 
uime  ach  a  mhain  a  beachd  agus  a  binn  a 
liubhairt  ;  cor  na  diithcha,  gainne  thighean, 
aimhreit  nan  rioghachda-dan,  obair  nan  sgoil- 
ean,  cur  gheall,  agus  fichead  rud  eil  de  e'n  t- 
seorsa  sin,  a  bhuineas  da-rireadh  do'n  Staid 
no  do'n  Pharlamaid.  Faodaidh  an  eaglais 
bruidhinn  a  dheanamh,  ach  is  e  an  Staid  a 
mhain  as  urrainn  a'  chilis  a  chur  an  gniomh. 


AIG  AN  ARD  SHEANADH 


Obair  na  h-Eaglais 

Ach  a  thaobh  nitliean  cudthromach  eile 
chan  e  a  mhain  gu  bheil  iad  'nan  cuspairean- 
deasbuid  ann.s  an  t-Seanadh,  ach  tha  an 
Seanadh  ag  aithneadh  do  Chleirean  agus 
do  choimthionalah  na  h-eaglais  sud  no  so 
so  a  dheanamh  m'an  tig  a'  bhliadhna  gii 
crich — £35,000  a  thoirt  air  son  aobhar  an 
t-soisgeil  anns  na  Diithchanna  thall  os  cionn 
na  thug  sinn  seachad  an  niridh,  agus  £60,000 
a  chur  nan  eaglaisean  ura  a  thatar  a'  togail 
air  an  casan.  Tha  gu  leoir  a  dh 'eaglaisean 
an  Albainn  cheana,  agus  a'  chuid  nihor 
dhiubh  leth-fhalamh,  ach  tha  moran  dhiubh 
anns  an  aite  chearr,  agus  feumar  na  h- 
eaglaisean  a  thogail  far  a  bheil  an  sluagh. 
Tha  mu  fhichead  dhiubh  air  an  togail  a  nis, 
agus  tha  e  air  a  radh  gur  ami  ann  an  te 
dhiubh  a  tha  an  sgoil-Shabaid  as  motha  an 
Albainn. 

Tha  feuni  aig  an  eaglais  air  daoine  oga 
aig  an  tigh  agus  thairis  cho  niaith  ri  airgiod, 
daoine  a  theid  air  cheann  obair  an  Tighearna, 
ged  nach  'eil  an  duals  no  an  tuarasdal  mor, 
a  chionn  gu  bheil  gaol  Chriosd  agus  eud 
diadhaidh    'n   an  cridhe. 

Anns  na  coinneamhan  mora  a  bha  fosgailte 
do  dhuine  air  bith  a  thoilicheadh  a  dhol 
annta  b'e  an  duine  a  b'fhearr  a  thaitinn  rium 
agus  a  dhriiidh  orm  an  t-Ollamh  Odonkor, 
niinistear  dubh  a  taobh  Shiar  na  h-Afric, 
duine  air  an  robh  coslas  iriosal  agus  macanta, 
agus  cho  laidir  'na  chreideamh  agus  'na 
dhochas  's  gu'n  d'thainig  an  smuain  'nam 
inntinn  an  uair  a  bha  e  a,'  bruidhinn,  gu'm 
bu  mhor  am  beud  nach  robh  da  fhichead 
d'a  sheorsa  againn  a  chur  beatha  ann  an 
cnamhan  tioram  Eaglais  na  h-Alba.  Thug 
sinne  an  soisgeul  do  dhuthchanna  cein, 
ach  tha  sinn  an  diugh  air  fas  cho  caoin- 
shuarach  air,  's  gu'm  faod  an  la  tighinn  anns 
am  bi  Cleir  Ogolopo  ann  an  Calabar  a'  cur 
shoisgeulaichean  dubha  thar  chuan  a  dh'iom- 
pachadh  cinnich  na  h-Alba. 

0  chionn  bliadhna  tha  grunnan  dhaoine 
anns  an  eaglais  a'  cur  an  comhairle  ri  cheile 
a  dh'fheuchainn  an  gabh  dad  deanamh  a 
dhiisgadh  an  t-sluaigh  a  marbhantachd 
agus  cadal  a'  bhais  a  tha  air  tuiteam.  orra. 
Gheibh  iad  beannachd  nan  uile  dhaoine  aig 
a  bheil  gaol  aif  Dia  agus  air  an  diithaich 
anns  an  obair  so,  ach  chan  'eil  comharraidh- 
ean  na  h-aimsir  fabharach.  Tha  a'  ghaoth 
an  ceann,  agus  is  e  "  dusgadh  "  an  rud  as 
lugha  a  tha  air  aire  dhaoine.  Tha  sluagh 
na  h-Alba  an  diugh  mar  bha  eaglais  Laod- 
icea,  "  beartach,  agus  air  fas  ann  an  saoibh- 
reas,  agus  gun  fheum  aca  air  ni  sam  bith  " — ■ 
gun  fheum  aca  eadhon  air  Dia.  Cha  ruig  thu 
a  leas  feuchainn  ri  a  dhearbhadh  orra  gu 


bheil  iad  bochd,  agus  dall,  agus  truagh, 
agus  lomnochd  ;  chan  'eil  ach  aon  Neach 
a  dhearbhas  sin  orra,  an  Spiorad  Naomh. 

Anail  bheo,  anail  bheo, 
Anail  bheo,  seid  a  nuas  ; 
Cuir  an  deo,  cuir  an  deo, 
Cuir  an  deo  an  luchd  na  suain. 

A'  Ghaidhealtachd 

Cha  robh  dad  sonruichte  a  bhuineadh 
do'n  Ghaidhealtachd  air  beulaibh  an  t- 
Seanaidh  am  bliadhna,  agus  cha  mho  a 
chuala  mi  gin  de  na  ministearan  Gaidhealach 
as  aithne  dhomh  a'  bruidhinn  ann.  Sheas 
an  t-Ollamh  Lachlainn  MacGill-eathain  suas 
a  thagradh  ceartais  do  choimhthional  ann 
an  Cleir  Loch  Carrann,  air  an  robh  e  an 
dtiil  gu'n  do  rinneadh  eucoir,  ach  cha  do 
leig  an  Seanadh  leis  dol  a  steach  anns  a' 
chilis.  An  sin  chrath  e  duslach  an  t-Seanaidh 
o  chasan  m.ar  fhianuis  an  lathair  Dhe  air 
an  eucoir  a  bha  air  a  dheanam.h  air  sluagh 
gaolach,  is  chaidh  e  a  mach  as  a'  chomh- 
dhail. 

Labhair  an  t-Ollamh  White  Anderson  le 
leithid  de  sholuimteachd  mu  ghainne  mhinis- 
tearan  Gaidhealach  's  nach  mor  nach  do 
ghabh  mi  eagal  gu  bheil  an  rud  cho  dona 
's  a  bha  e  ag  radh.  Tha  a'  cheart  rud  air 
a  radh  mu  ghainne  mhinistearan  air  feadh 
na  tire  gu  leir,  ach  ma  tha  sgireachd  falam.h, 
agus  i  ann  an  aite  inntinneach  tiorail, 
bithidh  gu  leoir  de  nhinistearan,  6g  agus 
sean,  'g  an  tairgsinn  fhein  dhi.  Bho'n  is 
cuimhne  leam  tha  aireamh  shonruichte  de 
sgireachdan  anns  na  h-Eileanan,  agus  air 
Tir-mor  cuideachd,  d'a  bheil  e  duilich 
niinistear  fhaotainn,  co  dhiubh  a  tha  iad 
gann  no  pailt,  a  chionn  gu  bheil  ministearan 
oga  'g  an  seachnadh.  Ach  tha  e  fior  gu 
leoir  gu  robh  Collaistean  na  Diadhachd  air 
an  tanachadh  am  bliadhnachan  a'  chogaidh. 
Chan  'eil  m.oran  a  dh'oileanaich  Ghaidh- 
ealach  anns  an  t-sealladh  aig  an  am. 

Bha  beagan  bruidhne  anns  an  t-Seanadh 
mu  eadar-theangachadh  iir  a  bhi  air  a 
dheanamh  air  a'  Bhiobull  Bheurla,  agus 
chuireadh  committee  air  chois  a  shealltainn 
thairis  air  a'  chiiis  gu  cilramach  agus  gu 
h-athaiseach,  ach  theagamh  nach  teid  an 
gnothuch  na's  fhaide  na  sin.  Tha  cainnt 
dhaoine  ag  atharrachadh, .  agus  tha  e  iom- 
chuidh  gu'm  biodh  am  Biobull  air  a  leughadh 
ann  an  cainnt  a  thuigeas  iad,  ach  tha  mi 
an  diiil  nach  'eil  aobhar  cabhaig  ann,  agus 
nach  'eil  seana  chainnt  a'  Bhiobuill  'na  h- 
uiread  cnap-starra  do'n  oigridh  's  a  tha 
daoine  ag  radh.  B'fhearr  leam  gu  mor 
am  Biobull  fhaicinn  air  a  ghiorrachadh,  air 


AiG  AN  UINNEia 


a  dheanamh  'na  leabhar  C'iiini.ir,  boidheach, 
agus  air  a  ciiur  a  m.ach  anii  an  clodh  garbh 
a  bhiodh  furasda  a  leughadh.  'Cha  na 
Biobuill  a  chi  thu  aig  cloinn  anns  an  sgoil- 
Shabaid  'n  an  cuis-ghrain,  leabhraichean 
diibha,  tiugh,  gun  chumadh  gun  dreach,  ann 
an  clodh  cho  meanbh  's  nach  gabh  iad  leugh- 
adh le  loinn  no  tlachd.  Na'n  robh  Soisgeul 
Lucais  agus  Gnioro.hara  nan  Abstol  agus 
fichead  Salm  agus  fichead  Laoidh  an  cur  a 
mach  ann  an  leabhar  boidheach  agus  ann  an 
clodh  dreachmhor  air  son  sgoilean-Sabaid, 
ghabhadh  a'  chlann  gaol  air  an  leabhar. 

Coigreach  Urramach 

Thug  Mghr  Attiee,  ard  Chomhairliche  a' 
Chruin,  oraid  do'n  t-8eanadh  anns  an  robh 


cudthrom  agus  gliocas  agus  baigh  ris  an  obair 
a  tha  eaglais  Chriosd  a'  deanamh  anns  an 
t-saoghal.  Ri  eisdeachd  ris  theireadh  tu 
nach  leig  sinn  a  leas  eagal  a  bhi  oirnn  gu'n 
teid  long  na  rioghachd  air  na  creagan  cho 
fad  's  a  tha  leithid  Mghr  Attiee  aig  an 
stiuir. 

Bha  e  air  ainmeachadh  anns  an  t-Seanadh 
gu  robh  759  de  Sheiseanan  na  h-eaglais  air 
son  boirionnaich  a  ghabhail  mar  fhoirbhich, 
agus  1369  de  Sheiseanan  'n  an  aghaidh  ;  22 
de  na  Cleirean  leo  agus  44  'n  an  aghaidh  ; 
440  de  choimhthionalan  leo  agus  1775  'n  an 
aghaidh.  Chuir  sin  crioch  air  a'  ghnothuch 
an  drasd  co  dhiubh.  Tha  e  air  a  radh 
gur  e  na  boirionnaich  fhein  a  bu  laidire 
'n  an  aghaidh. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Ollamh  Dughall  MacPharlain 

AIR  an  la  mu  dheireadh  de  July,  an  1896, 
bha  e  air  a  shuidheachadh  ann  an  Gleann 
Comhann,  air  chor  agus  gu  bheil  e  a'  ruighinn 
lubilee  a  mhinistrealachcl  air  a'  m.hios  so, 
rud  nach  'eil  ach  gle  bheag  de  mhinistearan 
a'  ruighinn  anns  na  laithean  so,  oir  tha  iad 
a'  leigeil  dhiubh  an  dreuchd  na's  traithe  na 
b'abhaist  dhaibh. 

Fad  iomadh  bliadhna  tha  niinistear  Chinn- 
ghiiithsaich  'na  chleireach  agus  'na  cheann 
air  Coroxmn  nam  Ban  a  bhios  a'  cuideachadh 
le  bursaries  sgoilearan  oga  as  a'  Ghaidheal- 
tachd  agus  na  h-Eileanan  a  tha  a'  dol  air 
aghaidh  gu  obair  na  ministrealachd.  Bha 
cuid  mhaith  de  na  balaich  sin  air  an  oilean- 
achadh  an  Cinn-ghitithsaich,  ach  co  dhiubh 
a  bha  iad  aig  a  dhorus,  no  ann  an  sgoilean 
eile  fad  air  falbh  bhuaith,  no  ann  an  Oilthigh- 
ean  an  Glaschu  no  an  Dim-eideann,  no  an 
Cill-rim.hinn,  bha  e  a'  cumail  siiil  orra,  agus 
.  'na  charaid  m.aith  dhaibh.  Bha  buannachd 
anns  an  obair  so  do'n  eaglais,  agus  tha  an 
eaglais  'na  chomain  air  son  uiread  dhaoine 
oga  a  tharruing  as  gach  eearn  de'n  Ghaidh- 
ealtachd  gu  obair  na  h-eaglais,  ach  aig  am 
an  t-Seanaidh  anns  a'  Mhagh  nochd  na 
ministearan  oga  sin  dha  gu  bheil  iadsan  'na 
chomain  cuideachd,  oir  bha  cruinneachadh 
laghach  aca  a'  thoirt  dha  am.  beannachd  air 
bliadhna  a  lubilee,  agus  sporan  anns  an 
robh  suim.  airgid  a  bheireadh  do  Thir  a' 
Gheallaidh  e  na'm  b'e  a  mhiann  dol  ann. 

Bha  dithis  Mhoderators  aig  a'  chruin- 
neachadh,  fear  na  bliadhna  so  agus  fear  na 
bliadhna  'n  uiridh,  agus  labhair  iad  le  cheile 
mu'n  fheum  a  tha  aig  an  eaglais  air  an  t- 
seorsa  mhinistearan  a  tha  a'  Ghaidhealtachd 


a'  toirt  do'n  eaglais.  Bha  Ard-Cheann  a' 
Chollaist  an  Cill-rimhinn  ann  cuideachd, 
agus  labhair  esan  mu  na  h-oileanaich  a 
bhiodh  iad  a'  faotainn  as  a'  Ghaidhealtachd 
roimh  bhliadhnachan  a'   chogaidh. 

Is  e  Iain  Mac-a-Phearsain,  M.A.,  Ph.D.,  an 
Deibhidh,  a  thug  seachad  an  tabhartas- 
buidheachais  ud  an  ainm.  chaich,  agus  thug 
an  t-011am.h  MacPharlain  taing  dhaibh  uile 
o  ghrunnd  a  ehridhe  mar  gu'm  biodh  athair 
a'  bruidhinn  ri  chloinn.  Tha  e  furasda  dha 
bruidhinn,  agus  bha  sinn  uile  toilichte 
fhaicinn  gu  bheil  a  choslas  air  nach  bi  feum 
aige  fad  iomadh  bliadhna  air  paipear  no 
bata  no  speuclair. 

Bha  sinn  ag  ionndrainn  aig  a'  chomlidhail 
ud  dithis  a  bha  a'  cuideachadh  na  h-oibre 
so  o  chionn  uine  mhaith,  an  Ridire,  Iain 
Lathurn  MacLeoid,  nach  b'urrainn  a  bhi  a 
lathair  a  chionn  nach  robh  e  gu  maith,  agus 
Uilleam  R.  Domhnullach  nach  maireann, 
duine  taiceil  a  bha  daonnan  toileach  uallach  a 
ghiiilan  agus  e  fhein  a  chumail  as  an  t- 
sealladh. 

Co  aige  a  dh'fhagas  tu  e 

Bho  chionn  nan  ceudan  bliadhna  bha  e 
'na  chleachdadh  uasal  aig  daoine  aig  nach 
robh  cairdean  bochd  no  feumach  a  bhi  a' 
fagail  airgid  aig  eaglaisean  agus  sgoilean  agus 
tighean-eiridinn,  agus  oibricliean  maith  eile 
a  b'fhiach  dhaibh  a  chuideachadh.  Bha  an 
duthaich  Ian  de  na  tobraichean-fialaidh  sin 
a  chladhaich  ar  n-aithrichean,  ach  tha  iad 
an  diugh  'g  an  dunadh,  agus  theagamh  nach 
fosgailear  iad  gu  brath  tuilleadh. 

Ma  bha  e  'n  ad  bheachd  airgiod  fhagail 
aig  an  eaglais  anns  an  sgireachd  anns  an 


AIG  AN  UINNEIG 


do  lugadh  tu,  a  chur  svias  tuarasdal  a' 
mhinisteir,  ma  tha  a  thuarasdal  beag,  tha 
cho  maith  dhuit  gun  a  dheanamh,  oir 
theagamh  nach  faigh  e  aon  sgillinn  dheth  gu 
brath,  mar  a  thachair  do  chuid  de  na  minis- 
tearan  aig  an  d'fhag  M'ghr  Pringle  dileab. 
No  ma  tha  e  'n  ad  bheachd  airgiod  fhagail 
aig  tigh-eiridinn  an  Glaschu  no  an  Dun- 
eideann,  no  aig  Comunn  na  Banaltruimeachd 
anns  an  sgireachd  d'am.  buin  thu,  cha  leig 
thu  a  leas  a  bhi  aig  an  t-saothair,  oir  tha 
Aneurin  Bevan  a'  dol  'g  a  ghlacadh  agus 
'g  a  chur  ann  an  aon  sporan  mor  na  rioghachd 
as_  am  bi  sinn  uile  a'  tarruing  gu  goirid. 
Tha  a'  cheart  rud  a'  dol  a  thachairt  anns  na 
sgoilean.  Ciod  am  feum.  a  tha  ann  dhuit 
bursary  fhagail  aig  sgoil  an  uair  a  bhios  coir 
laghail  aig  a  h-uile  balach  a  bhi  air  oilean- 
achadh  air  chosdus  na  rioghachd.  Cuimh- 
nich,  a  leughadair,  nach  'eil  mi  ag  radh  gu 
bheil  so  a'  dol  a  dheanamh  cron  do'n 
rioghachd  ;  air  son  na  tha  dh'fhios  agamsa 
faodaidh  e  Breatunn  a  chur  air  a  casan  na's 
laidire  na  bha  i  riam.h.  Ach  is  e  a  tha  mi 
a'  feuchainn  ri  radh,  an  uair  a  thoisicheas 
an  Riaghaltas  air  gach  obair  no  aobhar  a 
ghabhail  os  laim.h  fo  'n  achlais  fhein,  nach 
'eil  ann  ach  diomhanas  dhuit-sa  no  dhomh- 
sa  airgiod  fhagail  'n  ar  tiomnadh  do  thighean- 
leighis,  no  do  thighean-fasgaidh,  no  do 
sgoilean. 

Ciod,  ma  ta,  a  ghabhas  deanamh  ?  Chan 
aithne  dhomh  ach  so  a  mhain ;  maith 
t'airgid  a  ghabhail  fhad  's  a  tha  thu  anns 
an  t-saoghal,  agus  na's  urrainn  thu  a  sheach- 
nadh  a  h-uile  bliadhna  a  thoirt  do  na  h- 
aobhair  no  do  na  daoine  a  tha  thu  cinnteach 
a  tha  cho  feumach  air  's  gu'n  cosd  iad  e 
a'  bhliadhna  sin  fhein. 

Aireamh 

THA  sia  agus  tri  fichead  (66)  Cleir  ann  an 
Eaglais  na  h-Alba,  agus  da  mhile,  ceithir 
cheud,  agus  deich  air  fhichead  (2430) 
coimhthional.  Tha  1,259,927  aice  de  luchd 
comanachaidh,  ach  tha  cuid  dhiubh  sin 
marbh,  ged  tha  ainm  aca  a  bhi  beo. 

Tha  33,949  foirbheach  aice,  agus  bha 
37,843  air  am  baisteadh  an  uiridh,  1985 
dhiubh  daoine  a  thainig  gu  aois. 

B'e  £1,523,000.  tighinn-a-stigh  na  h- 
eaglais  an  uiridh.  Is  e  lagh  na  h-eaglais  a 
thaobh  baistidh  gu  bheil  coir  aig  leanabh 
a  bhi  air  a  bhaisteadh,  ma  bha  aon  d'a 
pharantan  air  am  baisteadh  iad  fein,  agus 
ma  tha  an  t-aon  sin  (no  an  dithis)  ag  aideach- 
adh  a'  Chreideamh  Chriosduidh.  Tha  sin 
farsuiug  gu  leoir,  ro  fharsuing  am  beachd 
moran  nxhinistearan,  oir  chan  'eil  e  furasda 
a  radh  ciod  a  tha  "  ag  aideachadh  a'  Chreid- 


eamh "  a'  ciallachadh.  Do  mhoran  phar- 
antan an  diugh  chan  'eil  ann  ach  foirm 
gun  bhrigh,  seann  chleachdadh  a  tha  iad 
a'  leantuinn  a  chionn  gu  bheil  daoine  eile 
'ga  leantuinn. 

Is  e  cleachdadh  na  h-eaglais  nach  bi  ainm. 
duine  air  a  ghleidheadh  air  Rola  a'  Choman- 
achaidh  na's  fhaide  na  tri  bliadhna,  mur  do 
chomanaich  e  anns  an  iline  sin,  no  mur 
bheil  reuson  m.aith  'g  a  chumail  o  bhi  an 
lathair.  M'an  cuir  an  Seisean  duine  air  bith 
bharr  Rola  a'  Chomanachaidh  bu  choir 
dhaibh  bruidhinn  ris  an  toiseach,  agus 
innseadh  dha  ciod  a  tha  'n  am.  beachd,  air 
eagal  eucoir  a  dheanam.h,  agus  breith  luath 
lochdach  a  thoirt  air. 

An  uiridh  bha  aonadh  air  a  dheanamh 
eadar  eaglaisean  ann  an  tri  bailtean  fichead 
no  sgir.  Bho  1929  bha  da  choim.hthionaL 
air  an  cur  comhla  ann  an  527  aite.  Tha  a' 
m.h6r-chuid  dhiubh  a'  cordadh  gu  gasda, 
ach  tha  feadhainn  eilis  ann  a  tha  a'  giiilan 
le  cheile  air  eiginn.  Ach  is  maith  gu  bheil 
iad  'g  a  dheanamh  air  eiginn  fhein. 

Sith  anns  an  t-Saoglial 

Ged  sguir  an  cogadh  chan  'eil  sith  anns 
an  t-saoghal  fhathast,  no  aonachd  anns  na 
rioghachdan  a  bha  air  ar  taobh  mu  na 
cixmhnantan  air  an  deanar  sith.  Ciod  an 
t-aobhar  gu  bheil  sinne  agus  America  cho 
trie  de'n  aon  inntinn  a  thaobh  nan  cuisean 
a  tha  a'  tighinn  air  beulaibh  U.N.O.  agus 
Ruisia  calg-dhireach  'n  ar  n-aghaidh  ?  Tha, 
nach  ann  anns  an  aon  t-saoghal  a  tha  sinne 
agus  Ruisia  beo  idir.  Tha  an  doigh-riagh- 
laidh  a  tha  ann  an  Ruisia  an  diugh  cho  fada 
air  falbh  o'n  doigh-riaghlaidh  a  tha  ann  am 
Breatunn  's  a  tha  an  Aird-an-ear  o'n  Aird- 
an-iar,  agus  tha  gne  agus  inntinn  agus  full 
nan  Ruisianach  a  cheart  cho  fada  sin  o 
ghne  agus  o  inntinn  agus  o  fhuil  nam 
Breatunnach.  Chan  'eil  leud  na  roinneig  de 
m.hughadh  eadar  Franco  agus  Stalin  ach 
a  mhain  gu  bheil  Stalin  na's  laidire.  Ma's 
cunnart  leithid  Franco  a  bhi  air  cheann  na 
Spainnte  is  motha  an  cunnart  e  leithid 
Stalin  a  bhi.  air  cheann  Ruisia,  ach  chan 
e  sin  ar  gnothuch-ne,  agus  chan  urrainn 
sinn  dad  a  dheanamJi  uime.  Ach  is  urrainn 
dhuinn  leantuinn  dluth  ri  doighean  criosdail 
agus  cliu  ar  daoine  fhein,  agus  a  bhi  cho 
diorrasach  an  aghaidh  Ruisia  ann  an  aobhar 
na  Sithe  's  a  bha  sinn  diorrasach  an  aghaidh 
na  Gearm.ailte  anns  a'  chogadh.  Ciod  an 
tairbhe  a  bhiodh  ann  dhuinn  aon  choileach- 
mor  a  chur  as  an  rathad  a  dheanamh  aite  do 
choileach-mor  eile  ? 

"  Na  deanaibh  dioghaltas  air  bhur  son 
fein,"    "  ma    bhitheas   do   namhaid   acrach, 


OLCAS  NA  LEISGE 


thoir  biadh  dha  "  ;  tha  e  mar  fhiachaibh 
oirnn  mar  rioghachd  chriosdail  geill  a  thoirt 
do'n  teagasg  sin,  oir  ged  is  arm  troiroh 
bhilean  Phoil  a  fhuair  sinn  e,  is  e  Criosd  a 
tha  a'  labhairt  ruinn. 

Bha  e  riamh  'n  a  chleachdadh  aig  Breatunn, 
an  uair  a  sguireadh  tapaid,  a  bhi  toileach 
reite  a  dheanamh,  gun  mhaoidheadh,  gun 
dioghaltas,  gun  cuing-sharuchaidh,  no  mas- 
ladh,  a  chur  air  an  namhaid.  Bha  e  riamh 
'n  a  chleachdadh  aice  a  bhi  uasa],  gun 
chothrom  a  ghabhail  air  rioghachdan  beaga 
'n  an  eiginn,  saorsa  a  thoirt  do  ghrunnain 
bheaga  a  dh'fheumadh  a  bhi  beo  ann  an 
duthchanna  do  nach  buineadh  iad,  co  dhiubh 
a  bha  annta  ludhaich  no  Elamaich,  agus 
gu  sonraichte  tha  e  'n  a  chleachdadh  aig 
Breatunn  leigeil  leis  an  t-saoghal  fios  a  bhi 
aige  ciod  a  tha  i  a'  deanamh.  Tha  lan- 
shaorsa  aig  na  paipearan-naidheachd  amis 
an    duthaich    so,    agus    faodaidh    iad    coire 


fhaotainn  do  rud  air  bith  a  hi  no  their  Mghr 
Churchill  no  Mghr  Attlee,  ach  c6  ann  an 
Ruisia  aig  am  biodh  a  chridhe  coire  fhaotainn 
do  Stalin  ?  Tha  an  sluagh  uile  'n  a  bhois 
mar  bha  sluagh  na  Gearmailte  am  bois 
Hitler.  Theid  aig  Stalin  no  Molotov  air 
bruidhinn  ri  sluagh  Bhreatuinn  uair  air  bith 
a  thoilicheas  iad,  ach  cha  teid  aig  Attlee  no 
Bevin  air  bruidhinn  ri  sluagh  Ruisia.  Sin 
aon.  de  na  ballacha-meadhoin  a  tha  a' 
seasamh  eadar  Ruisia  agus  Breatunn  is 
America.  Ged  nach  'eil  e  eu-comasach  do 
dhuthaich  anns  a  bheil  a'  phoblachd  (dem- 
cracy)  saor,  agus  saorsa  aig  na  paipearan- 
naidheachd,  gnothuch  a  dheanamh  ri  coilich- 
mhora  m.ar  a  bha  Hitler  agus  Mussolini,  no 
m.ar  tha  Stalin  agus  Franco,  tha  e  cho 
duilich  gnothuch  a  dheanamh  riu  's  nach 
mor  gu'n  gabh  e  deanamh.  Sin  aon  de 
na  h-aobhair  nach  'eil  bunaitean  na  Sithe 
air  an  suidheachadh  na's  luaithe. 


Olcas  Na  Leisge 


CHAN  urrainn  duine  leasg  companas  Chriosd 
a  mhealtainn ;  tha  Criosd  'n  a  choisiche 
sunndach,  agus  feumaidh  a  chompanaich 
coiseachd  gu  sunndach  cuideachd  ma  bu 
mhaith  led  conaltradh  a  bhi  aca  ris.  Mur 
dean  iad  sin  caillidh  iad  e.  Cha  mho  is 
urrainn  daoine  diomhanach  companas  a  bhi 
aca  ri  Criosd.  Tha  mi  a'  iaicinn  anns  a' 
Bhiobull  gur  ann  gu  trie  an  uair  a  bha  iad 
driopail  air  cheann  an  gnothuich  a  dh' 
fhoillsich  Dia  e  fein  do  na  naoimh.  Bha 
Maois  ah'  cheann  a  ghnothuich,  a'  sealltainn 
as  deidh  an  treuda  an  uair  a  chunnaic  e  am 
preas  a  bha  air  theine ;  bha  Gideon  a' 
bualadh  ;  Elisa  a'  treabhadh  ;  Seumas  agus 
Eoin  ag  iasgach;  agus  Mata  aig  aite  na  cise 
an  uair  a  ghairm  an  Tighearn  iad.  Am  mana 
a  ghleidh  clann  Israel  gu  maduinn  los  nach 
biodh  aca  ri  dol  'g  a  chruinneachadh  a  h-uile 
la  thainig  cnuimheagan  ann  is  droch  aileadh. 

Loisgidh  is  cruadhaichidh  an  leisg  coguis 
duine  air  chor  agus  gu'n  caill  e  fhaireachduinn 
agus  a  thiir.  Thachair  sin  do  Dhaibidh  ;  an 
uair  a  bha  e  diomhanach  's  a  thoisich  e  air 
fois  a  thoirt  d'a  fheoil  air  niullach  an  tighe 
thainig  Satan  thuige  is  bhuair  e  e.  Ghin 
an  diomhanas  buaireadh,  is  rug  am  buair- 


eadh  peacadh,  is  as  a'  pheacadh  thainig 
am  has  air  a'  cheann  mu  dheireadh. 

Uair  a  chaidh  boirionnach  sonraichte  a  dh' 
iarraidh  comhairle  air  seana  mhinistear 
diadhaidh  dh'  innis  i  dha  gu  robh  i  air  a 
pianadh  le  buaraidhean  nach  robh  a'  toirt 
fois  idir  dhi.  An  deidh  do'n  mhinistear  am 
boirionnach  a  cheasnachadh,  thuig  e  nach 
robh  i  uair  air  bith  ag  obair,  is  thubhairt  e 
rithe,  "  A  Phiuthar,  na'm  biodh  tusa  trang, 
ged  chuireadh  Satan  buaireadh  'n  ad  rathad, 
cha  deanamh  sin  coire  air  bith  ort ;  gheibh- 
eadh  tu  doigh  air  dol  as." 

An  aite  an  Diabhoil  a  bhi  a'  buaireadh 
Chriosduidhean  a  tha  leasg  no  diomhain  is 
ann  a  tha  iadsan  'g  a  bhuaireadh-san.  Tha 
iad  a'  fosgladh  dorus  an  cridhe  gu  farsuing 
agus  a'  toirt  cuiridh  do'n  Diabhol  tighinn  a 
steach.  Ach  ma  tha  sinn  air  cheann  ar 
gnothuichean  dligheach  fad  an  la  tha  dorus 
a'  chridhe  air  a  dhimadh  an  aghaidh  an 
Diabhoil,  is  dh'  fheumadh  e  a  bhriseadh 
m'am  faigheadh  e  a  steach.  A  mach  bho 
chreideamh,  agus  dion  an  Tighearna,  chan 
'eil  sgiath  as  fhearr  do  shluagh  an  Tighearn 
an  aghaidh  buairidh  na  "  gun  bhi  leasg  ann 
an  gnothuichibh,  durachdach  ann  an  spiorad, 
a'  deanamh  seirbhis  do'n  Tighearna." 

C.  H.  S. 


Aireamh  8 


1946 


Tighearnas  Chriosd 

Mo  Thighear/i  agus  mo  Dhia : — An  t-abstol  Tomas. 


SIN  am  facal  mu  dheireadh  mu  Chriosd  ; 
gus  am  faic  sinn  ann  an  Criosd  plathadh 
air  chor-eigin  de'n  ghloir  a  chunnaic  Tomas 
ann,  cha  bhi  an  aithne  no  an  t-eolas  againn 
air  a  bha  aig  naoimh  na  h-eaglais. 

Tha  moran  dhaoine  am  beachd,  daoine 
maith.  agus  daoine  tuigseach,  nach  robh. 
ann  an  losa  Criosd  ach  duine  coltach  ruinn 
fhein,  air  a  ghineamhuin  o  athair  agus  o 
mhathair  gu  n^durra,  air  a  thogail  mar 
bhalaich  eile  a  fhuair  beagan  sgoUe  agus 
ceaird,  ach  comharraichte  am  measg  a  cho- 
aoisean  uile  air  son  a  dhiadhaidheachd  agus 
a  thuigse  spioradail,  agus  an  gradh  iongantach 
a  bha  aige  d'a  cho-chreutairean.  Aontaichidh 
iad  le'n  uile  chridhe  nach  robh  fear-teagaisg 
riamh  air  thalamh  coltach  ris,  no  fianuis 
do  Dhia  cho  soilleir  ris,  no  duine  eile  a  bha 
cho  falamh  dheth  fhein,  no  cho  l^n  de  ghras, 
de  mhaise  na  naomhachd,  de  fhirinn,  de 
chreideamh,  agus  de'n  bheatha  aoibhneach 
a  gheibhear  ann  an  co-chomunn  Dhe. 
Aontaichidh  iad  le'n  uHe  chridhe  gu'm  biodh 
clann-daoine  air  an  tearnadh  na'n  leanadh 
iad  eisiomplair  losa,  agus  their  iad  gu  robh 
iimhlachd  do  thoil  Dhe  iomlan,  agus  a 
chreideamh  cho  laidir  's  gu  bheil  e  Ian 
airidh  air  an  ainm  mac  Dhe,  ach  a  mhain 
anns  an  t-seagh  gu'm  bu  dara  Pearsa  na 
Trianaid  e. 

Tha  moran  dhaoine  anns  an  eaglais  an 
diugh  aig  nach  'eil  sealladh  eile  no  beachd 
eile  air  Criosd  ach  an  sealladh  so  agus 
am  beachd  so,  ach  co  dhiubh  a  tha  e  cearr 
no  ceart,  bhiodh  e  cearr  dhuinne  a  radh 
nach  Criosduidhean  iad,  oir  tha  mi  cinnteach 
gu'n  aidicheadh  E  fhein  iad  mar  dheisciobuil 
agus  mar  luchd-leanmhuinn.  Chan  'eil  rud 
air  an  t-saoghal  eho  gorach  no  cho  neo- 
chriosdail  ri  bhi  a'  cur  a  mach  bhraithrean 
a  comunn  nan  creidmheach  a  chionn  nach 
-'eil  na  h-aon  bheachdan  aca  ruinn  fhein. 
Chan  e  do  bheachdan  a  bheir  do  neamh 
thu  ach  do  ghradh. 

Ach  cha  b'e  so  an  sealladh  a  bha  aig  Tomas 
air  Criosd,  no  aig  Pol,  no  aig  gin  de  na 
daoine  a  chaidh  a  mach  a  shearmonachadh 
Chriosd  mar  Thighearna  agus  mur  Dhia, 
agus  a  bha  an  searmonachadh  air  a  leantuinn 
le  comharraidhean  iongantach,  le  diisgaidh- 
ean  agus  daoine  iompaichte. 


Ma  dh'  fhaodas  mi  a  chur  ann  an  doigh 
eile,  tha  cuid  a'  cur  Chriosd  ann  an  cathair 
ard  agus  cuid  'g  a  chur  ann  an  cathair  as  isle 
(ged  tha  i  fhein  ard)  agus  is  e  brigh  na  tha 
mi  a'  dol  a  radh  air  an  duUleig  so  gur  e  an 
Criosd  a  tha  anns  a'  chathair  ard  a  dhearbh 
troimh  na  linntean  gu  bheil  cumhachd  aige 
air  daoine  a  thearnadh. 

Agus  nach  faod  e  bhith  gur  e  m^thair- 
aobhar  na  marbhantachd  spioradail  a  thuit 
air  Albainn  anns  a'  ghineal  so  nach  'eil 
Criosd  air  a  shearmonachadh  ach  mar 
bhr athair  agus  mar  dhuine  an  aite  a  bhi 
air  a  thogail  suas  fa  chomhair  dhaoine  mar 
Thighearn  agus  mar  Dhia. 

Cd  thu,  a  Thighearna  ?  B'e  sin  a'  cheist 
a  dh'fhaighnich  Pol  an  uair  a  thachair 
Criosd  air  'n  a  imeachd  gu  Damascus,  ach 
ged  nach  d 'fhuair  e  freagradh  aig  an  km 
ach  am  facal  so,  *'  Is  mise  losa  a  tha  thusa 
a'  geur-leanmhuinn,"  bu  leor  am  facal  sin 
fhein,  oir  bha  Pol  air  a  ghlacadh  le  Criosd, 
agus  air  a  tharruing  an  aghaidh  a  thoile 
agus  a  bheachdan  fo  bhuaidh  agus  fo  iigh- 
darras  Chriosd  cho  buileach  's  gu'n  d' 
aidich  e  mu  dheireadh  "  Cha  mhise  a  tha 
beo,  ach  Criosd  a  tha  beo  annam." 

Chan  ann  o  dhiadhairean  no  o  chreud 
eaglais  a  dh'ionnsaich  Pol  ciod  an  t-ainm 
a  bheireadh  e  do-  Chriosd,  Dia  no  duine,  no 
ciod  a'  chathair  anns  an  cuireadh  e  e,  ach 
o'n  fhiosrachadh  a  bha  aige  air  'n  a  bheatha 
fhein  mar  Neach  a  bha  dha  mar  fhacal  Dhe, 
a'  labhairt  ris  le  ughdarras  anns  nach  robh 
ag  no  teagamh  ri  chur,  a'  toirt  dha  reite  ri 
Dia,  agus  soUleireachd  a  tha,obh  riiintean 
Dhe,  agus  saorsa  agus  sith  'n  a  choguis  a 
bha  dol  OS  cionn  a  dhochais  agus  a  thuigse. 
Mar  bu  mhotha  a  bha  eolas  air  Criosd  a' 
fas,  is  ann  bu  chinntiche  a  bha  e  gur  e  guth 
agus  facal  an  De  shiorruidh  a  bha  e  a' 
cluinntinn  ann. 

Tighearnas  agus  diadhachd 

An  uair  a  thoisicheas  daoine  air  deasboir- 
eachd  mu  dhiadhachd  Chriosd  is  ion  daibh 
labhairt  gu  h-iriosal  agus  gu  samhach,  oir 
CO  d'  an  aithne  na  criochan  eadar  daonnachd 
agus  diadhachd,  eadar  an  Spiorad  ris  an 
abair  sinn  Dia  agus  spiorad  an  duine  a  bha 
air  a  chruthachadh  ann  an  iomhaigh  Dhe. 


2 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Ach  is  aithne  dhuinn  Criosd,  agus  tha  gaol 
againn  air  ;  agus  bidh  sinn  ag  iirnuigh  ris, 
agus  a'  toirt  dlia  urram  agus  aoradh,  agus 
ag  aideachadh  ar  cionta  dlia  'n  ar  cridhe. 
An  uair  a  bhios  sinn  ag  urnuigh  ri  Dia  is  e 
dealbh  Chriosd  a  dh'  eireas  fa  chomhair  ar 
sul,  agus  is  e  an  saighead  as  geire  agus  as 
goirte  'n  ar  peacaidhean  gu  bheil  esan  air 
a  ghoirteachadh  leo. 

Sin  agad  Tighearnas  agus  diadhachd 
Chriosd,  .  an  cumhachd  iongantach  agus 
miorbhuileach  a  tha  aige  troimh  na  linntean 
air  labliairt  ri  daoine  mar  nach  b'e  guth  no 
gliocas  talmhaidh  a  bha  a'  labhairt  riu  ach 
guth  Dhe.  Bha,  agus  tha,  agus  bithidh  gu 
br^th,  Dia  ann  an  Criosd,  Dia  air  fhoillseach- 
adh  leis  cho  fad  's  a  ghabhas  Spiorad  neo- 
chriochnach,  neo-chruthaichte,  agus  sior- 
ruidh,  a  bhi  air  fhoillseachadh  ann  am 
beatha  dhaonna  agus  tre  nadur  daonna  ; 
riiintean  Dhe  air  fhoillseachadh  'n  a  bhreith, 
agus  'n  a  bhas,  agus  'n  a  aiseirigh,  agus 
crioch  araidh  mhic  an  duine  mar  an  ceudna. 


Is  rioghachd  shiorruidh  a  rioghachd,  agus 
mairidh  a  Thigheajrnas  gu  brath.  Ged  is 
lionmhor  na  guthan  a  tha  a'  cur  sios  air  an 
eaglais  anns  an  t-saoghal  an  diugh  chan 
'eil  aon  ghuth  air  a  thogail  'n  a  aghaidh-san. 
Ged  tha  e  anns  an  eaglais  tha  e  os  a  cionn, 
iochdmhor  ri  daoine  peacach  ach  neo- 
thruaillte  le  'n  companas.  Tha  moran 
dhaoine  ag  radh  anns  na  laithean  so,  Ctil 
mo  laimhe  ris  ati  eaglais,  ach  bu  mhaith 
leam  Criosd  fhaicinn. 

Sin,  ma  ta,  obair  shearmonaichean,  Criosd 
a  thogail  fa  chom.hair  dhaoine  'n  a  mhaise 
agus  'n  a  chumhachd,  gus  an  aidich  iad  a 
thighearnas,  agus  an  Itib  iad  an  gltm  dha 
mar  a  lubas  iad  an  glun  do  Dhia. 

Is  beag  aig  Dia  ciod  an  t-ainm  a  their 
creutairean  aineolach  agiis  dall  mar  tha 
sinne  ri  Slanuighear  an  t-saoghail,  Dia,  no 
duine,  no  Dia-duine,  ach  is  e  an  t-ainm  a  thug 
e  fein  dha,  7no  mhac  gradhach. 

Bidh  ainm-san  huan  gu  suthain  sior, 

Co-mhaireann  ris  a'  ghrein. 


Anns  a'  Chathair 


AIG  an  Ard  Sheanadh  am  bliadhna  bha  e 
air  iarraidh  le  Cleir  Shruidhla  gu'n  cuireadh 
Eaglais  na  h-Alba  ceann  anns  a'  Bhiobull 
Bheurla  a  bhi  air  eadar-theangachadh  as 
ur  a  chionn  gu  bheil  cainnt  a'  Bhiobuill  cho 
seann  fhasanta  's  nach  'eil  oigridh  an  la  so 
'ga  tuigsinn.  Ghabh  an  Seanadh  gu  h- 
aonsgeulach  ri  iarrtus  Cleir  Shruidhla  agus 
bha  Committee  air  a  cur  air  chois  a  sheall- 
tuinn  a  steach  anns  a'  chuis  so,  los  comhairle 
ghlic  agus  chothromach  a  thairgsinn  do'n 
t-Seanadh  an  ath-bhliadhna.  Ann  an  nithean 
mora  cha  toigh  leis  an  eaglais  dad  a  dhean- 
amh  ann  an  cabhaig. 

Chan  'eil  f  hios  agam  ciod  an  aireamh  dhaoine 
a  bha  air  an  cur  air  leth  air  son  a'  ghnothuich 
so,  no  CO  na  daoine  a  bha  air  an  cur  ann,  ach 
ged  nach  toigh  leam  Committees,  feumaidh 
mi  a  radh  gur  e  so  te  a  bu  mhaith  leam  a  bhi 
oirre. 

An  uair  a  theid  an  Comunn  an  sas  anns  a' 
cheist  so  chi  iad  nach  'eil  an  gnothuch  idir 
cho  furasda  's  a  tha  moran  dhaoine  a'  saoil- 
sinn.  Chan  'eil  teagamh  air  bith  nach  'eil 
iomadh  facal  anns  a'  Bhiobull  nach  'eil  air 
an  cleachdadh  an  cainnt  dhaoine  an  diugh, 
agus  a  bhiodh  furasda  gu  leoir  an  atharrach- 
adh,  agus  facail  eile  a  chur  'n  an  aite.  Na 
'm  b'e  sin  uile  e,  tha  mi  am  barail  nach 
biodh  duine  'n  a  aghaidh  ;  ach  na'm  b'e  sin 
uile  e,  theagamh  nach  b'fhiach  an  rud  a 
dheanamh,  no  dragh  a  bhi  air  a  ghabhail  a 
ohur   fhacal   iir   an   ^ite   na   feadhnach    so, 


avouched,  coney.  Ghost,  damnation,  barbarian, 
bowels,  reins,  charger,  charity,  hell,  mansions, 
Comforter,  conversation,  unworthily,  daysman, 
emulations,  escheiv,  minister,  mite,  offence, 
savour,  temptation,  surfeiting,  way. 

Chan  e  an  seorsa  fhacal  sin  a  tha  'g  a 
dheanamh  duilich  do  dhaoine  am  Biobull 
a  thuigsinn,  agus  na'm  b'e,  dh'fhaodadh  iad 
a  bhi  air  am  mineachadh  anns  an  dol  seachad 
leis  an  fhear  a  bhiodh  'ga  leughadh,  gun  a 
bheag  de  stad  a  chur  air  an  leughadh.  Ach 
tha  duilgheadas  a'  Bhiobuill  do  dhaoine 
an  diugh  a'  dol  na's  d6imhne  ns.  facail ;  chan 
e  briathran  a'  Bhiobuill  ach  smuaintean  agus 
teagasg  a'  Bhiobuill  a  tha  'n  a  chnap-starra 
dhaibh. 

Ged  is  e  Cleir  Shruidhla  a  chuir  ceann 
anns  a'  ghnothuch  so,  is  e  a'  bhruidhinn 
a  tha  ministearan-feachd  a'  deanamh  o 
thoiseach  a'  chogaidh  mu'n  staid  leanabail 
anns  an  robh  na  saighdearan  a  thaobh  an 
tuigse  air  nithean  spioradail  a  tharruing  aire 
dhaoine  'g  a  ionnsuidh.  Bha  cuid  mhaith 
dhiubh  ag  radh  nach  robh  ceithir  fichead  as 
a'  cheud  dhiubh  a'  tuigsinn  cainnt  a'  Bhiob- 
uill, no  cainnt  nam  ministearan  a  bha  a' 
searmonachadh  dhaibh,  na's  mo  na  thuig- 
eadh  iad  Greigis,  agus  gur  e  so  am  balla- 
meadhoin  a  bha  a'  seasamh  eadar  iad  agus  an 
eaglais,  ged  bha  iad  cho  criosdail  's  a  bha 
iad  gaisgeil. 

Chan  urrainn  mi  a  radh  co  dhiubh  a  bha 
so  fior  no  nach  robh,  ged  tha  amharus  agam 


ANKS  A'  CHATHAIR 


gu  bheil  ininistearan-ainu  titheach  air  a  bhi 
dol  thar  na  cailce  an  iiair  a  labhras  iad 
mu'n  duine-shith  ris  an  canar  Tommy,  ach 
mur  do  thog  iad  fianuis-biireige  air,  chan 
eil  ann  an  Tommy  ach  am  paisde  'na  eolas 
agus  'na  thuigse  air  nithean  spioradail ; 
paisde  nach  'eil  a  tuigsinn  cainnt  uasal  a' 
Bhiobuill  Bheurla  a  chionn  nach  aithne  dha 
ach  a'  Bheurla  Christe  a  dh'  ionnpaich  e  air 
achaidhean  nan  con. 

Obair  nan  sgoilean 

Ma  tha  e  fior  gu  bheil  cho  beag  sgoil  aig 
Tommy  's  a  tha  na  ministearan-airm  ag 
radh,  tha  an  t-am  againn  fhaighneachd  ciod 
a  tha  na  maighstirean-sgoile  a'  deanamh  o 
1874.  Chan  'eil  paisde  amis  an  rioghachd 
nach  'eil  air  an  ciiram  fad  naoi  bliadhna, 
agus  cuid  dhiubh  na's  fhaide,  agus  ma 
dh'fhairtlich  e  orra  an  cur  air  an  aghaidh 
cho  fada  's  gu'n  leughadh  agus  gu'n  tuigeadh 
iad  an  leabhar  anns  a'  bheil  a'  Bheurla  as 
fhearr  a  chaidh  riamh  a  sgriobhadh,  tha 
rud-eigin  fada  cearr. 

Ach  chan  'eil  mise  a'  creidsinn  gur  e 
cainnt  a'  Bhiobuill  a  tha  'na  cnap-starra 
do'n  oigridh,  no  gu'n  gabh  na  tha  cearr  cur 
ceart  cho  furasda  's  a  tha  Cleir  Shruidhla  an 
dull,  le  eadar-theangachadh  ur  a  dheanamh 
air  a'  Bhiobull.  Mur  bheil  a  dhith  orra  ach 
seana  chainnt  a'  Bhiobuill  atharrachadh  gu 
cainnt  as  uire  agus  as  soilleii'e,  tha  an  obair 
sin  air  a  deanamh  eheana  na's  fhearr  na 
b'urrainn  Cleir  Shruidhla  no  Cleir  eile  a 
dheanamh.  Tha  gu  leoir  de  Bhiobuill  ri 
fhaotainn  a  fhreagras  air  gach  seorsa  dhaoine 
a  thaobh  cainnte,  agus  Biobuill  do  chloinn 
agus  do  ph^isdean,  ach  cuimhnich,  a  leugh- 
adair,  nach  gabh  am  Biobull  sgriobhadh 
anns  a'  chainnt  a  chluinnear  am  margadh 
an  t-salainn,  no  air  achadh  nan  con,  no  ah'  a' 
Bhroomielaw.  Tha  am  Biobull  ag  iarraidh 
cainnt  uasal,  oir  cha  ghabh  nithe  mora  agus 
soluimte,  no  smuaintean  deacair  agus  uasal 
agus  neamhaidh  cur  ann  an  cainnt  leibideach. 

Is  e  an  fhirinn  gu  bheil  am  Biobull  'n 
a  leabhar  dorcha,  duilich,  duinte,  do'n 
ghineil  oig  a  chionn  nach  'eil  iad  a'  creidsinn 
ann,  agus  a  chionn  gu  bheil  e  'g  an  toirt  a 
steach  do  shaoghal  a  tha  dhaibh  mar  Thir- 
gun-chiall. 

An  uair  a  chruinnicheas  a'  Chommittee, 
agus  a  chnuasicheas  iad  air  an  obair  a  tha 
Cleir  Shruidhla  ag  iarraidh  a  dheanamh,  tha 
amharus  agam  gu'm  faic  iad  m'anteid  iad 
fad  air  an  aghaidh  ma  tha  e  duilich  do'n 
Albannach  6g  nach  bi  a'  dol  do'n  eaglais  ach 
a  bhios  tri  uairean  's  an  t-seachduin  an 
Tigh-nan-dealbh,  agus  Ak  uair  aig  na  coin, — 


ma  tha  e  duilich  dha  am  Biobull  a  thuigsinn, 
gu'm  bi  e  na's  duiliche  dhaibhsan  a  chur  ann 
an  cainnt  a  thuigeas^e. 

Gu  ma  maith  a  theid  dhaibh  an  uair  a 
thoisicheas  iad  air  siubhal  air  son  fhacal  a 
chuireas  iad  an  aite  nam  facal  so, — a  nam, 
peacadh,  b^s,  breitheanas,  neamh,  ifreann, 
beatha,  gradh,  solus,  firinn,  gras,  aoibhneas, 
fireantachd,  spiorad,  feoil,  gloir,  reite,  agus 
feadhainn  eile  de'n  t-seorsa  sin  a  tha  os 
cionn  tuigse  dhaoine,  ma's  fior  na  bha  air  a 
radh  anns  an  Ard  Sheanadh. 

Dubh-fhacail 

An  uair  a  leughas  luchd -obair  Ghlaschu  no 

Ghrianaig    anns    na    paipearan-naidheachd 

dubh-fhacail    de'n    t-seorsa    so,    a   tha   cho 

dorcha  dhomhsa  ri  druidheachd  no  ri  obair 

Einstein,  tha  e  air  a  radh  gu'n  teid  aca  air  an 

tuigsinn  cho  reidh  's  ged  nach  biodh  iad  ach 

a    leughadh    naidheachdan    beaga    ann    an 

"  Tim  an  Obain  "  mu  rudan  a  thachair  ann 

an  Lios-m6r.no  anns  an  Apuinn. 

000  Now  or  Never  (8-6),  Prince  Egor-Lady 

Royden.     6th   of   10  to  False   Colours 

(gave  14  lb.)  Pontefract,  June  (6  f.),  and 

8th  of  17  to  Kaloa  (rec.  4  lb.),  Windsor, 

May  (5  f.). 

020  Sorrel  (6-11),  Gladstone-Margot.    Not  in 

first    4   to    St.    Francis    (ga,ve    12    lb.), 

Lingfield  last  week  (7  f.  7).     Here  Ap 

(7  f.)  lost  3  lengths  to  Jelhcoe  (rec.  1  lb.), 

Mad-Hatter  (gave  13  lb.,  favourite)  half 

length  off. 

Le'n  gabhail  fear  mu  seach  chan  'eil  gin  de 

na  facail  sin  nach  'eil  mi  a'  tuigsinn,  ach  air 

a  shon  sin  chan  'eil  mi  a'  faicinn  ciall  air 

bith  annta,  a  chionn  gu  bheil  iad  ag  innseadh 

mu  shaoghal  nach  aithne  dhomh. 

Sin  mar  tha  an  seana  Bhiobull  agus  a' 
ghineal  6g  ;  shaoileadh  tu  gu'n  rachadh  aig 
daoine  as  urrainn  na  dubh-fhacail  ud  a 
leughadh,  air  cainnt  a'  Bhiobuill  a  thuigsinn, 
mur  biodh  ann  ach  duilgheadas  cainnte. 
Ach  mar  thubhairt  mi  eheana,  chan  e  cainnt 
a'  Bhiobuill  a  tha  a'  toirt  oilbheum  do'n 
oigridh  ach  an  saoghal  anns  a  bheil  a  bhith 
agus  a,  bheatha  aige,  saoghal  anns  am  faod 
Dia  tachairt  ort  mionaid  air  bith,  saoghal 
anns  a  bheil  e  cunnartach  do  dhaoine  dol 
air  eagal  gu'n  toisich  iad  aii  tirnuigh  agus  air 
am  peacaidhean  aideachadh,  agus  air  spairn 
chruaidh  a  dheanamh  a  dhol  do  neamh 
an  uair  a  bha  iad  suidhichte  air  a  radh  ri  'n 
anam  "  Ith,  61,  agus  bi  subhach." 

Chan  'eil  ann  ach  leanabalas  do  dhaoine  a 
bhi  a'  saoilsinn  gu'm  biodh  ciiisean  na 
b'fhe^rr  anns  an  t-saoghal  na'n  robh  a 
h-Liile  rud  air  a  dheanamh  reidh  agus  soilleir 


EILEAN  NAN  RON 


agus  furasda  do  dhaoine  6g.  Chan  'eil  raise 
a'  creidsinn  gur  e  run  no  toil  Dbe  gu'm 
biodh  am  Biobull  'n  a  leabhar  furasda,  oir 
is  e  am  Biobull  fhein  "a'  chiiis-oilblieum  as 
motha  a  dh'  fheumas  daoine  faotainn  thairis 
air  m'an  teid  iad  a  steach  do  rioghachd 
neimh.  Tha  deacaireachd  anns  a'  Bhiobull 
nach  gabh  toirt  as ;  ciiis-oilbheum  nach 
gabh  toirt  as  ;  nithean  air  nach  'eil  cainnt 
ach    cainat    nach    gabh    ionnsachadh    no 


tuigsinn  le  fail  agus  fvoil,  oir  faodar  a  rkdh 
uime,  mar  bha  air  a  radh  mu  Chriosd,  gu'n 
do  chuireadli  e  chum  tuiteam  agus  eirigh 
mhoran,  agus  'na  chomharadh  an  aghaidh 
an  labhrar. 

Co  dhiilbh  a  tha  daoine  a'  iks  glic  no  nach 
'eil,  tha  iad  air  fas  fiosrach,  a'  sineadh  a 
mach  an  lamhan  a  ghabhail  de  Chraoibh  na 
heatha,  agus  is  e  am  Biobull  an  claidheamh 
lasrach  a  tha  a'  gleidheadh  slighe  na  Craoibhe. 


Eilean  nan  Ron 


MA  tha  gu  leoir  a  dh'  iiine  agus  a  dh'airgiod 
agad,  agus  gaol  air  seanchas  do  cho-chreutair- 
ean,  chan  'eil  aite  air  an  t-saoghal  as  inn- 
tinniche  seachduin  a  chur  seachad  ann  na 
Eilean  nan  Ron,  agus  ma  bu  mhaith  leat  a 
shaoUsinn  gu  bheil  coltas  uasal  ort,  agus 
gur  ann  o  dhaoine  uasal  a  thainig  thu, 
chan  'eil  agad  ach  feileadh-beag  a  chur  ort 
agus  cur  suas  anns  an  Tigh-osda  aig  Niall 
MacCeallaig,  am  Port-a-mhurain,  agus  ni 
Niall  fhein  an  corr.  Ma'n  gann  a  bhios  iiine 
agad  air  an  tea  agus  na  tri  uibhean  agus  an 
da  bhreac  a  chuir  bean-an-tighe  air  do 
bheulaibh  a  chur  as  an  t-sealladh,  bithidh  e 
air  feadh  an  eilein  gu  bheil  mac  psathar  do 
Loch -ia  11,  no  iar-ogha  do  Mhac  Mhic  Ailein, 
air  tighinn  do'n  Tigh-osda  aig  Niall  Mac- 
Ceallaig, agus  cruinnichidh  dusan  no  fichead 
de  mhuinntir  an  aite  mu'n  dorus  air  ghaol 
seanchas  a  dheanamh  riut  mu  d'  shinnsir, 
agus  61  air  do  shlainte  gu  meadhon-oidhche. 

Tha  muintir  an  eilein  cho  mor  a  Port-a- 
mhurain,  Ceann-bhaile  an  eilein,  's  nach  leig 
iad  orra  gu'n  cual  iad  riamh  iomradh  air 
Port-righ  no  Steornabhagh.  "  Steornabh- 
agh,"  arsa  fear  dhiubh  rium,  "  tha  e  mar  gu'm 
biodh  seana  bhruadar  'n  am  chuimhne  gu'n 
cuala  mi  an  t-ainm  sin  uaireigin  ;  nach 
ann  's  an  eUean  Mlianainnach  a  tha  e  ? 

An  uair  a  theid  thu  air  tir  am  Port-a- 
mhurain  tha  fichead  duine  a'  feitheamh  ort 
air  a'  cheidhe  a  dheanamh  seanchais  riut, 
agus  'g  ad  cheasnachadh  mar  gu'm  biodh  iad 
a'  spiolgadh  faochaig  le  prine. 

"  An  e  so  a'  cheud  uair  a  bha  thu  anns  an 
eilean  ?  " 

"  A  bheil  thu  dol  a  dh'  fhuireach  fada  ann?  " 

"  Tha  iad  ag  radh  gu  bheil  an  t-iasgach 
fiadhaich  maith  air  Loch-a-PhuUl  am  bliadh- 
na,  ach  maith  dh'fhaoidhte  nach  bi  thusa 
ag  iasgach  idir  ?  " 

"  'S  ann 's  an  Tigh-osda  aig  Niall  MacCeallaig 
a  bhios  na  daoine  o  Bhord  an  fhearainn  a' 
fuireach,  ach  maith  dh'fhaoidte  gur  ann  do'n 
fhear  eile  a  tha  thusa  a'  dol,  far  am  bi 
treabhalairean    a'    fuireach.      Tha    trogain 


mhor  aig  MacPharlain  Shearer  ris  an  eilean 
so!" 

Mur  toir  na  prineachan  sin  dad  as  an 
fhaochaig,  feuchaidh  iad  ri  d'  tharruing  ann 
an  doigh  eile. 

"Am  faca  tu  aite  riamh  cho  boidheach  ris  ?  " 

Ma  chunnaic,  tha  sin  ag  innseadh  nach  arm 
an  Eilean  nan  Ron  a  rugadh  tu,  air  neo  gu 
bheil  domblas  an  fharmaid  'n  ad  mhionach. 

Uair  a  bha  fear  a  mhuinntir  Phort-a- 
Mhurain  a'  dol  a  Glaschu  aig  an  Fhaidhir- 
shamhraidh  chaidh  e  gu  Sraid  Bhothchanan, 
thilg  e  paipear  choig  puinnd  Shasunnach 
air  beulaibh  a'  chleirich  aig  an  uinneig  bhig, 
ag  radh  ris,  "  Thoir  dhomh  tiocaid  ann  agus 
as." 

"  C  aite  a  bheil  thu  dol  ?  "  ars  an  cleireach. 

"  Tha  mi  a'  dol  do  Phort-a-mhurain ; 
c'aite  eile  am  bithinn  a'  dol  ?  " 

C  ^ite  eile  an  rachadh  duine  turail  aii- 
bith  ach  do'n  aite  far  a  bheil  a'  ghrian  ag 
eirigh  na's  traithe  agus  a'  laighe  na's  an- 
moiche  anns  a'  Cheitean  na  dh'  eireas  no 
laigheas  i  anns  an  Oban  air  an  Fheill  Eoin  ; 
far  am  faigh  e  c^irdeas  agus  coibhneas  agus 
tea;  seanchas  agus  naidheachdan  agus  tea 
eile ;  ceilidh  agus  ceol-gaire  agus  an  ath  tea, 
o'n  mhionaid  a  dh 'eireas  e  aig  deich  uairean 
giis  an  teid  e  a  laighe  aig  da  uair  's  a 
mhaduinn ! 

Eilean  an  aigh,  far  a  bheil  iiine  gu  leoir 
agad  gun  rud  air  bith  a  dheanamh  gus  am 
maireach,  ma  thoilicheas  tu,  no  gus  an  ath 
bhliadhna,  ma's  e  sin  as  freagarraiche  ;  far 
nach  'eil  cabhag,  no  fiusanachd,  no  ireabais, 
a  chionn  gu  bheil  fhios  aig  a  h-uUe  duine  anns 
an  eilean  nach  ann  ann  an  saothair  no 
s^ruchadh  a'  chuirp  a  tha  beatha  mhic  ■ 
an  duine,  ach  ann  an  co-chomunn  a 
cho-chreutairean,  caidreamh  blath  agus 
sunndach  agus  laghach,  air  a  dheanamh 
teann  le  seanchas  agus  tea. 

Eilean  an  aigh  ;  far  am  faigh  thu  cupan- 
tea  air  do  leapaidh  m'  an  eirich  thu,  agus  do 
bhraiceas  aig  uair  air  bith  a  thoilicheas  tu  ; 
far  a  bheil  an  latha  uile  agad  dhuit  fhein  a 


EILEAN  NAN  RON 


sheanchas  ri  daoine  a  tha  cho  coibhneil  's 
gu'm  fag  iad  an  obair,  agus  gu'n  cuir  iad 
iad  fhein  'n  ad  rathad  air  ghaol  do  sheanck- 
ais.  Tha  fhios  aca  nach  'eil  ann  an  leabh- 
raichean  ach  cath  agus  smodan  an  coimeas 
ri  seanchas  ;  ann  an  leabhraichean  cluinnidh 
tu  duine  eile  a'  smuaineachadh,  ach  ann  an 
seanchas  cluinnidh  tu  thu  fhein,  agus  is 
caomh  leis  a  h-uile  duine  na  seilleanan  a 
bhios  a'  dranndail  'n  a  eanchaiim  fhein. 

Na  rionnagan 

Thug  coigreach  a  bha  a'  fuireach  seachduin 
anns  an  eilean  fear  de  leabhraichean  Sir 
James  Jeans  do  Sheumas  MacAonghuis,  ris 
am  biodh  e  a'  bruidhinn  an  uair  a  bhiodh 
e  a'  gabhail  sraid  anns  an  fheasgar. 

"  Leabhar  fiadhaich,"  arsa  Seumas  ruinn, 
agus  e  'n  a  shuidhe  air  bocsa  air  a'  cheithe, 
a'  feitheamh  ris  an  Lochearn  ;  "  tha  rudan 
anns  an  leabhar  ud  a  bheireadh  air  Papanach 
e  fhein  a  chroiseadh,  agus  ged  nach  gealtair 
mise,  bha  cho  maith  leam  gun  a  bhi  learn 
fhein  'ga  leughadh,  oir  cuiridh  e  smuaintean 
cho  iongantach  'n  ad  cheann  's  gu'n  toir 
iad  ort  leum  air  do  chasan  feuch  an  tu 
fhein  a  tha  ann."  , 

"  Ma  ghabhas  tu  mo  chonihairle-sa,  a 
Sheumais,"  arsa  fear  eile  dhiubh,  "  sguiridh 
tu  de  bhi  a'  leughadh  mu  na  rionnagan  ; 
chan  'eil  m  rionnagan  canny.  Bha  mise  ris  an 
obair  sin  mi  fhein  fad  bhUadhnachan,  agus 
theab  iad  an-duine  a  dheanamh  dhiom,  ach 
gu  fortanach  thoisich  mi  air  ping-pong,  is 
tharruing  e  m'  aire  air  falbh  o  na  rionnagan, 
agus  mar  sin  ghleidh  mi  mo  chiall  agus  mo 
thtir." 

"  Tha  thu  ceart,"  arsa  beadall  na  h- 
eaglais,  "  chan  'eil  e  cneasda  do  dhuine  air 
bith  aig  a  bheil  tuainealaich  'n  a  eanchainn 
a  bhi  a'  beachdachadh  air  na  speuran  agus 
air  na  tha  shuas  os  a  chionn,  ach  cha  saraich 
ping-pong  t-eanchainn  no  do  thuigse. 

Ged  bha  briathran  a'  bheadaill  min  gu 
leoir  bha  e  furasda  a  chluinntinn  'n  a  ghuth 
an  tair  a  bha  e  a'  deanamh  'n  a  chridhe  air 
daoine  a  bhiodh  ri  ping-pong,  oir  is  ann  an 
talla  na  h-eaglais  a  bhiodh  iad  ris. 

"  An  uair  a  sheallas  tu  air  an  speur  air 
oidhche  shoilleir,"  arsa  Seumas  MacAonghuis, 
"  shaoileadh  tu  gu  bheil  na  rionnagan  cho 
tiugh  agus  cho  dluth  d'  a  cheile  's  nach 
b'urrainn  dhuit  ruideis  umpa  mar  a  bhith- 
eamaid  a'  ruideis  mu  na  mullain  anns  an 
iodhlainn  gun  a  bhi  a'  bualadh  'n  a  cheile, 
ach  tha  Sir  Seumas  Jeans  ag  radh  gu  bheil 


an  cruthachadh,  no  an  iarmailt  (space), 
cho  farsuing  's  gu  bheil  uiread  riim  aig  na 
rionnagan  anns  an  fharsuingeach  neo-chrioch- 
nach  's  a  bhiodh  aig  tri  seilleanan  a  gheibh- 
eadh  an  Roinn-Eorpa  uile  dhaibh  fhein. 
Ged  a  shaoileas  tu  nach  motha  na  rionnagan 
na  lochran  Alladin  air  a  chrochadh  anns  an 
speur  tha  a  h-uile  te  dhiubh,  le'n  gabhail 
thar  a  cheile,  muillean  uair  na's  motha 
na'n  talamh,  agus  tha  iad  cho  lionmhor  's 
na'n  cunntadh  tu  gach  clach-mheallain  a 
tbuiteadh  air  eilean  Leodhuis,  na'n  robh  iad 
a'  sileadh  gu  trom  agus  gun  sgur  fad  cheithir 
uaire  fichead,  bhiodh  aireamh  nan  rionnagan 
na  bu  mhotha  na  aireamh  nan  clacha- 
meallain." 

"  Obh,  obh  !  chan  'eil  na  rionnagan  sianta  ; 
tha  e  glic  do  dhuine  gun  a  bhi  'g  an  cunntas 
no  'g  an  tomhas,  oir  cho  cinnteach  's  a 
thoisicheas  tu  air  an  obair  sin  cuiridh  iad 
druidheachd  ort,  agus  cha  toir  iad  fois  dhuit 
gus  an  caill  thu  do  chiall.  A  mach  o  na 
boirionnaich  chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as 
luaithe  a  bheir  a  thur  agus  a  chiall  o  dhuine 
na  na  rionnagan.  Och,  och,  chan  'eil  e 
sianta  do  dhaoine  peacach  a  bhi  a'  spleuch- 
adh  le'n  suilean  no  le  mac-meanmain  an 
inntinn  air  rionnagan  no  air  boirionnaich. 
B'  uasal  agus  bu  laidir  an  gaisgeach  Cuchu- 
lain,  ach  tha  fhios  aig  an  t-saoghal  ciamar 
a  dh'  eirich  dhasan  an  uair  a  bha  e  a'  dol  a 
steach  a  thapaid  do'n  champ  aig  Conchobar, 
a'  raoiceil  cho  fiadhaich  le  feirg  's  gu'n 
ciuinnteadh  e  aig  mile  a  dh'astar.  Chan  'eil 
cleas  anns  an  draoidheachd  nach  aithne  do 
na  boirionnaich,  agus  chuir  iad  ri  cheile 
gu'n  rachadh  seachd  fichead  's  a  deich 
dhiubh  a  mach  'n  a  chomhdhail,  agus 
ochd  ban-righrean  'n  am  measg,  a 
tharruing  aire  air  falbh  o'n  tapaid  agus  o  na 
fir  aca.  Cho  luath  's  a  chunnaic  Ciichulain 
iad  shiolaich  fhearg  agus  stad  a  raoiceil,  ach 
chaidh  fhuil  air  ghoil  cho  teth  's  gu'm 
b'fheudar  d'a  dhaoine  fhein  a  chur  ann  am 
baraille  de  dh'uisge  fuar  gu  ruige  amhach, 
'g  a  fhuarachadh.  Ach  leis  an  teas  a  bha 
anns  an  duine,  thoisich  an  t-uisge  fhein  air 
goil  cho  laidir  's  gu  robh  gucagan  ag  eirigh  air 
cho  mor  ri  ubh  tuinneig,  agus  mu  dheireadh 
thilg  am  baraille  na  cear caill  dheth  agus 
thuit  na  clair  o  cheile.  Chuireadh  ann  am 
baraille  eUe  e,  ach  ghoil  an  t-uisge  sin 
cuideachd,  agus  b'fheudar  dhaibh  a  chur 
anns  an  treas  baraille  m'  an  d'fhuaraich  e. 
Tha  mise  ag  innseadh  dhuibh,  a  dhaoine 
nach  'eil  na  rionnagan  no  na  boirionnaich 
sianta." 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Calum  MacLeoid,  M.A. 

THA  am  bas  'n  a  chuis-bhroin  aig  am  air 
bith,  ach  tha  e  na's  cruaidhe  an  uair  a  bheir 
e  air  falbh  duine  a  bha  a'  deanamh  obair 
mhaith  agus  fheumail  'n  a  Ian  neart. 

Cha  robh  Calum  MacLeoid  ach  tri  fichead 
's  a  coig,  agus  cho  fad  's  a  bu  leir  d'a  bhraith- 
rean,  bha  e  fallain,  laidir,  ruiteach,  air  chor 
agus  gu'n  d'  thug  naidheachd  a  bhais  clisg- 
eadh  dhuinn  uile,  'g  ar  deanamh  balbh, 
tosdaeh,  a'  cuimhneachadh  nach  'eil  eadar- 
uinn  agus  an  uaigh,  aig  ar  feabhas,  ach  aon 
cheum  goirid. 

Bha  lamh  .aige  ann  an  iomadh  rud,  agus 
daimh  aige  ri  moran  dhaoine  a  bha  ag 
oibreachadh  comhla  ris,  anns  an  eaglais, 
anns  a'  Chomunn  Ghaidhealach,  agus  air 
Comuinn  eile  ;  bha  moran  chairdean  agus 
luchd-eolais  aige  an  Glaschu,  an  Dtm- 
eideann,  an  Leodhus,  agus  air  feadh  na 
Gaidhealtachd  uile,  agus  mar  sin  bithidh 
ionndrainn  agus  caoidh  air  na's  farsuinge 
na  bhiodh  air  ministear  Gaidhealach  eile. 

Leodhusach  a  thafobh  a  dhiithchais,  bha 
comharraidhean  an  Leodhusaich  air  a 
bhruidhinn,  agus  air  a  sgridbhadh,  agus  air 
a  smuaineachadh,  agus  air  a  dboighean 
uile,  ach  a  mhain  gu  robh  e  a'  ceadachadh  dha 
fhein  agus  do  dhaoine  eile  roinn  a  bu  mhotha 
a  bhi  aige  an  aighear  agus  an  cridhealas 
an  t-saoghail  na  cheadaicheadh  eildearan 
Leodhuis  do'n  t-sluagh.  Ach  theaganxh  gu'n 
d'fhosgail  so  dorsan  dha  a  steach  do  shaogh- 
ail  eile,  agus  do  chompanachd  eile,  a  bhiodh 
diiinte  air,  mur  biodh  an  sunnd  agus  an 
cur-a-mach  ann  a  bha  ann. 

Air  oileanacbadh  an  sgoil  mhor  Steornabh- 
agh,  an  Ard  Sgoil  Ghlaschu,  an  Oilthigh 
Dhiin-eideann,  agus  anns  a'  Chollaiste  Nuadh, 
bha  e  air  a  shuidheachadh  anns  an  Ath- 
leathann  an  1910.  An  1916  chaidh  e  do 
Cheann-Loch-gilb,  agus  an  1924  do  Eaglais 
Iain  Knox  an  Glaschu,  far  an  do  shaothraich 
e  gus  an  deachaidh  e  do  sgir  Bhoth-chuidir 
an  1937.  Anns  gach  ^ite  anns  an  robh  e 
bha  meas  air  mar  mhinistear  agus  mar 
dhuine,  ministear  a  bha  soisgeulach  agus 
durachdach  agus  iochdmhor,  agus  duine  a 
bha  companta  agus  seanchasail,  furasda 
bruidhinn  ris  agus  a  bhi  suas  ris. 

Bha  e  gaolach  air  riaghladh  agus  air  a  bhi 
air  Committees,  oir  b'e  sin  a  nadur  agus 
cha  b'urrainn  e  a  bhi  mionaid  'n  a  thamh. 
Bha  e  easgaidh  agus  luath  'n  a  obair.  Ann 
an  toiseach  a  bheatha  fhuair  e  cothrom  air 
riaghladaireachd  air  Committees  na  h-eaglais, 
ach    o    chionn    bhliadhnachan    bha    e    'n    a 


Cheann-suidhe  air  s'  Chomunn  Ghaidhealach, 
oifig  saothrachail  ach  urramach  a  thug  dha 
moran  toileachaidn. 

Thainig  an  Comunn  Gaidhealach  gu  ire 
cho  ard  a  nis  's  gu  bheil  an  Ceann-suidlie 
aige  cho  aithnichte  agus  cho  comharraichte 
anns  an  tir  ri  Probhaist  Ghlaschu,  no  ri  Cinn 
nan  Oilthighean.  Bha  an  dreuchd  a' 
freagairt  air  Calum  MacLeoid,  oir  bha  gaol 
aige  air  a  dhuthaich  agus  air  a  chanain,  agus 
cha  bu  bhoilich  uaith  na  bhiodh  e  ag  radh 
umpa  air  ard-iirlair  'g  am  moladh,  oir  bha 
e  a'  creidsinn  le  uile  chridhe  nach  'eil  tir 
no  sluagh  no  teanga  air  an  t-saoghal  a 
bheir  barr  air  a'  Ghaidhlig,  no  air  a'  Ghaidh- 
ealtachd,  no  air  na  Gaidheil. 

An  uair  a  shiubhail  an  t-Ollamh  Niall 
Ros  ghabh  e  os  laimh  a  bhi  'n  a  fhear- 
deasa chaidh  air  "  An  Gaidheal,"  Miosachan 
a'  Chomuinn  ;  obair  throm,  oir  bha  e 
fhein  a  sgriobhadh  a  chuid  mhor  de'n 
Ghaidhlig  a  h-uile  mios. 

Chnir  an  cogadh  as  do'n  Mhod  Mhor 
Bhliadhnail,  ach  tha  e  ri  bhi  air  a  ghleidh- 
eadh  am  bliadhna  an  Obair-eathain,  agus 
tha  mi  cinnteach  gu'm  bi  na  ceudan  a  theid 
ann  duilich  nach  robh  ar  caraid  gaolach 
agus  eudmhor  air  a  chaomhnadh  gu  bhi  air 
cheann  na  cuideachd,  oir  's  esan  a  bhiodh 
mor  as  fhein,  agus  aoibheil  ri  daoine  eile. 
Saoilidh  mi  gu  bheil  mi  'g  a  fhaicinn  agus 
'g  a  chuinnttnn  ag  innseadh  mu  bhliadh- 
nachan na  h-eigin  agus  mu  euchdan  nan 
Gaidheal  air  muir  is  tir  is  anns  an  adhar. 

Bha  gealtanas  aig  a'  bhliadhna  so  gu'm 
biodh  i  'n  a  bliadhna  mhor  agus  shona  dha, 
oir  dh'fhosgail  uinneagan  nan  neamhan  agus 
thaom  am  Freasdal  air  a  cheann  duaisean 
agus  beannachdan  air  an  robh  a  chridhe  gu 
nadurra  agus  le  deagh  choir  an  geall,  oir  bha 
e  air  a  chur  air  leth  gu  bhi  dol  air  feadh  na 
Gaidhealtachd  agus  nan  Eileanan  mar  fhear- 
ionaid  o'n  eaglais  ;  shonraich  Oilthigh  Dhun- 
eideann  D.D.  a  thoirt  dha,  agus  bha  Mod 
Obar-eathain  a'  feitheamh  air  mar  ghrainne- 
mullaich  a  sholais. 

Ach  a  nis,  och  nan  och  ;  "  bha  suil  agamn 
ri  sith  ach  maith  sam  bith  cha  d'thainig  ; 
ri  h-aimsir  slainte,  agus  feuch  uamhas  ! 

Nach  truagh  daoine  nach  bi  a'  cuimh- 
neachadh air  a'  bhas !  oir  is  e  am  bas  an  aon 
ni  cinnteach  a  tha  air  thoiseach  oirnn. 

Gheibh  Both-chuidir  ministear,  is  gheibh 
an  Comunn  Gaidhealach  Ceann-suidhe  eile, 
ach  bidh  ionndrainn  fharsuing  agus  fhada 
aig  a  luohd-dtithcha  air  Caluni  MacLeoid. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


MA  sgriobhas  tu  do  thiomnadh  le  do  laimh 
fhein  feuch  nach  cuir  thu  ann  rud-eigin  a 
bheir  cothrom  do'n  luchd-lagha  connsachadh 
no  argumaid  a  dheanamh  uime,  oir  ma 
thoisicheas  iadsan  air  connsachadh,  cha 
sguir  iad  gu  brath  gus  nach  bi  mir  feola 
air  fhagail  air  a'  chnairah  a  thog  an  conn- 
sachadh. 

Bha  duine  ann  uair-eigin  a  bha  trom  air  a' 
phiob,  agus  dh'  fhag  e  aithne  'n  a  thiomnadh 
nach  robh  duine  ri  bhi  aig  a  thiodhlacadh  ach 
duine  a  bha  rithe.  Dh'  iarr  e  fios  a  thorraidh 
a  bhi  air  a  thoirt  do'n  h-uile  duine  beo  anns  an 
duthaich  a  bha  ris  a'  phiob,  agus  a  thuilleadh 
air  sin,  dh'  iarr  e  deich  puinnd  thombaca  a  bhi 
air  a  thoirt  dhaibh  agvis  piob  mhor  ghasda, 
agus  ainm  fein  sgriobhta  oirre,  agus  la  is 
bliadhna  a  bhais.  Dh'  iarr  e  piob  is  tombaca 
a  bhi  air  an  cur  anns  a'  chiste-mhairbh 
comhla  ris,  "  oir,"  ars  esan,  "  chan  'eil  fhios 
ciod  a  dh'  fhaodas  tachairt,"  agus  dh'  iarr 
e  pioban  nan  daoine  a  bhi  laiste  fad  na  h- 
iiine  aig  a  thorradh,  los  gu'm  biodli  torradh 
eireachdail  aige. 

Tha  e  coltach  gu  robh  sin  aige,  torradh  mor 
is  eireachdail,  agus  gu  robh  daoine  air  cheann 
na  cuideachd  an  la  ud  nach  fhacas  riamh 
roimhe  ann  an  tigh  a'  bhroin  no  anns  a' 
chladh.  Bha  aile  an  torraidh  ri  fhaotainn 
mile  air  astar,  agus  bha  toit  os  a  chionn  mar 
gu'm  b'e  an  Dunara  a  bha  ann. 

Nach  gasda  a  chordadh  e  ris  an  luchd- 
lagha  tiomnadh  an  duine  ud  fhaotainn  fo'n 
ordagan  ?  Air  son  tri  gineachan  oir  dhearbh- 
adh  fear  air  bith  dhiiibh  dhuit  gu  robh  an 
duine  air  a'  chuthach,  agus  nach  bvi  choir 
d'a  thiomnadh  seasamh  ;  agus  air  son  coig 
gineachan  dhearbhadh  e  dhuit  nach  b' 
fhiach  an  argumaid  a  rinn  e  air  son  nan  tri 
dad,  agus  gu  robh  an  duine  aig  a  thdr  's 
a  chiall  ceart  gu'leou".  Tha  e  air  a  radh  gu'n 
gabh  a  h-uile  dath  dubhadh  ach  nach  gach 
dubh  dathadh,  ach  thoir  thusa  tri  gineachan 
do  fhear-lagha  agus  theid  mise  am  bannaibh 
dhuit  gu'n  dean  esan  an  dubh  geal. 

Sios  air  luchd-lagha 

Car  son  nach  toigh  le  daoine  luchd-lagha  ? 
Ma  tha  gnothuch  aig  fear-lagha  ri  rud  air 
bith,  agus  gu  sonruichte  ri  rud  anns  a  bheil 
airgiod,  is  e  duine  anns  an  fhichead  nach 
leag  amharus  gu  bheil  caob  de'n  airgiod  a' 
dol  'n  a  phoca.  Tha  a'  mhor-chuid  de'n 
t-sluagh  Ian  chinnteach  nach  h-urrainn 
an  luchd-lagha  gnothuch  a  ghabhail  ris  an 
diadhaidheachd    fhein    gun    buannachd    a 


dheanamh  aisde.  Bithear  a'  cur  sios  air 
ministearan  agus  dotairean  trie  gu  leoir, 
ach  am  bitheantas  chan  ann  a  chionn  gu 
bheil  amharus  (»rra  gur  maith  leo  buannachd 
a  dheanamh  as  na  daoine,  no  as  na  cuisean 
ris  a  bheil  gnothuch  aca  ;  agus  eadhon  an 
uair  a  chainear  iad  chan  'eil  nimh  anns  na 
theirear  umpa  mar  a  tha  anns  na  bbithear 
ag  radh  mu  'n  luchd-lagha. 

Bithear  a'  cur  as  leth  mhinistearan  agus 
dhotairean  gu  bheil  iad  leasg,  no  gu  bheil 
iad  gun  tiir,  no  gu  bheil  iad  gun  suim  d'  an 
obair,  ach  is  ann  gle  annamh  a  chuirear 
as  an  leth  gu  bheil  iad  neo-choguiseach. 
Ach  cuirear  as  leth  an  luchd-lagha,  gun  ag  no 
teagamh,  gu  bheil  iad  uile  neo-choguiseach, 
ach  cha  chuala  mi  duine  riamh  a'  gearan 
orra  air  son  leisge  no  cion  ttii!-. 

Ciod  a  their  thu  ris  a  sin  ?  Their  mise 
nach  'eil  e  a  reir  m'  fhiosrachaidh  fhein  co 
dhiiibh.  Is  aithne  dhomh  cuid  mhaith  de 
luchd-lagha,  ach  cha  do  mhothaich  mi  riamh 
gu  robh  mughadh  air  bith  eadar  iad  agus 
daoine  eile.  Le  'n  gabhail  thar  a  cheile  chan 
'eil  iad  na's  fhearr  noma's  miosa  na  cleir 
air  bith  anns  an  duthaich.  Chan  'eil  saogh- 
altachd,  no  cealg,  no  cion  coguis,  annta 
na's  mo  na  tha  ann  an  seorsa  air  bith  eile, 
agus  tha  iad  a  cheart  cho  leasg  r'an  coimh- 
earsnaich. 

Bho  chionn  bhliadhnachan  tha  mi  an  dull 
nach  'eil  uiread  meas  air  buill  na  Parlamaid  's 
a  b'  abhaist  a  bhi  orra,  agus  thatar  ag  radh 
gur  e  an  t-aobhar  air  a  shon  sin  gu  bheil 
uiread  de  na  fir-lagha  ann  an  tigh  nan 
Cumantan.  Tha  moran  dhaoine  de'n  bheachd 
nach  ann  air  son  maith  na  diithcha  a  tha  iad 
a'  dol  ann  ach  air  son  am  maith  saoghalta 
fhein  a  chur  air  aghaidh,  agus  tha  iad  de'n 
bheachd  cuideachd  gu  bheil  an  hichd-lagha 
a'  deanamh  achdan  na  Parlamaid  duilich  an 
tuigsinn,  los  gu'm  faigh  iad  fhein  obair  gu 
leoir  an  deidh  laimhe,  a'  connsachadh  umpa 
anns  na  cuirtean. 

Maith  na  duthcha 

Ach  CO  am  fear  a  tha  dol  do'n  Pharlamaid 
uile  gu  leir  air 'son  maith  na  duthcha  ?  Tha 
maith  na  duthcha  fa  chomhair  an  inntinn  gun 
teagamh,  ach  tha  fichead  rud  eile  'g  an 
tarruing  do  Pharlamaid  cho  maith  ri  eud 
air  son  soirbheachadh  na  duthcha  ;  uaill  na 
beat  ha,  diomhanas  an  cridhe,  diorras  an 
cuid  bhan  nach  toir  sith  dhaibh  gus  am  bi 
iad   'nan   suidhe   am   measg   mhaithean   na 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


tire,  fiughair  ri  tiotal  no  posta  air  clior-eigin 
anns  a  bheil  an  suil — tha  sin  agus  fichead 
rud  eUe  a'  cur  dhaoine  do  Pharlamaid. 

Mar  so  chan  'eU  mise  an  dtiil  gu  bheil  ath- 
arrachadh  air  bith  eadar  an  luchd  lagha 
agus  marsantan  caise,  no  marsantan  guail, 
no  uachdarain,  no  saighdearan,  a  thaobh 
an  aobhair  a  tha  'g  an  toirt  do'n  Pharlamaid. 
Ged  a  tha  iad  uile  a'  dol  innte  a  chionn  gu 
bheil  baraU  mhaith  aca  orra  fhein  agus  gur 
toigh  leo  an  corragan  a  bhi  anns  a  h-uile  ni 
a  tha  dol  air  aghaidh  anns  an  rioghachd,  chan 
'eil  sin  a'  ciallachadh  rfach  'eU  iad  a'  feuch- 
ainn  gu  h-onorach  ri  maith  na  rioghachd  a 
chur  air  adhart. 

Cha  b""  urrainn  fir-lagha  dol  do'n  Pharla- 
maid, mur  cuireadh  tusa  agus  mise  innte  iad. 
Agus  cha  bhitheamaid  idir  'g  an  cur  innte 
na'n  robh  fhios  againn  c'  kite  am  faigheamaid 
daoine  a  b'  fhearr.  Sin  an  fhior  aobhar  gu 
bheU  uiread  dhiubh  ann  an  tigh  nan  Cuman- 
tan,  nach  'eil  dreuchd  eile  anns  an  dtithaich 
anns  a  bheU  uiread  de  dhaoijne  comasach  's 
a  tha  ann  an  dreuchd  an  lagha.  Cuir  am 
fear-lagha  air  an  urlar  comhla  ri  marsantan, 
is  saighdearan,  is  uachdarain,  is  luchd-obair, 
is  gheibh  e  a'  chuid  as  fhearr  dhiubh  aims  a' 
mhionaid.  "  Gheibh,"  ars  thusa,  "  a  chionn 
gu  bheU  e  cabach  agus  gur  h-aithne  dha 
an  fhoUl  a  dheanamh."  Chan  ann  idir, 
ach  a  chionn  gu  bheil  inntinn  aige  a  tha 
na's  geire  agus  na's  fhearr  na  tha  acasan, 
inntinn  shoUleir  is  inntinn  oileanaichte  a 
tha  toirt  dha  sealladh  as  farsuinge  agus 
breithneachadh  as  geire  na  tha  aca-san. 

Chan  'eil  aite  air  an  t-saoghal  anns  a  bheU 
e  na's  duiliche  do  dhuine  ainm  is  cliii  a 
chosnadh  na  tha  e  ann  an  cuirtean  an  lagha 
an  Lunnainn,  no  an  Dun-eideann,  oir  tha 
aige  r'a  rathad  a  dheanamh,  agus  a  thaobh 
fhein  a  chumail  suas,  ri  aghaidh  dhaoine  geur 
is  comasach  nach  biodh  fada  a'  cur  bior  ann, 
mur  biodh  ann  ach  bolg-gaoithe. 

Ma  rinn  duine  ainm  dha  fein,  mata,  ann 
an  ctiirtean  an  lagha  cha  ruig  thu  a  leas  an 
tuUleadh  teisteanais  iarraidh  air  a  thalantan  ; 
faodaidh  tu  do  chuisean  earbsa  ris  ann  an 
Tigh  nan  Cumantan  cho  cinnteach  's  a  dh' 
earbadh  tu  iad  ri  tighearna-fearainn  no  ri 
marsanta-guail.  A  thaobh  coguis,  chan  fhaic 
mise  gu  bheil  aobhar  air  bith  ann  gu'n 
cuireamaid  an  dara  seorsa  air  thoiseach  air 
an  t-seorsa  eile,  agus  a  thaobh  inntinn,  is 
ann  aon  uair  a  tha  am  fear-lagha  air  dheir- 
eadh  air  each  agus  naoi  uairean  air  thoiseach 
orra. 

An  lamhan  mharsantan 

Bho  chionn  bhliadhnachan  tha  mo  ran 
tUiaoine  anns  an  duthaich  so  an  duil  gu'm 


biodh  cuisean  na  rioghachd  air  an  ceartach- 
adh  gu  luath  na'n  robh  riaghladh  na  riogh- 
achd air.  fhagail  arm  an  lamhan  dhaoine  a 
tha  suas  ri  malairt  is  gnothuichean.  Ach  nar 
leigeadh  Ni  maith  gu'n  tachair  sin !  Bu  cho 
maith  leam  an  cur  ann  an  lamhan  nam  ban, 
agus  chual  an  saoghal  uUe  mu'n  bhinn  a  thug 
iadsan  air  an  each  arm  an  Cill-ma-cheallaig. 

Bha  tuilleadh  's  a  choir  ann  an  lamhan 
an  t-seorsa  dhaoine  sin  am  bliadhnachan 
a'  chogaidh,  agus  is  e  a  bu  deireadh  dha 
nach  mor  nach  do  bhris  iad  an  rioghachd. 
Arm  an  ceart  da-rireadh  b'  fhearr  leam 
b^ird,  agus  speuraidearan,  agus  daoine  a 
bhios  a'  deanamh  sgeulachdan  is  dhealbhan, 
a  chur  a  riaghladh  na  rioghachd  na  drobh- 
airean  agus  marsantan,  ged  a  their  na 
PhUistich  nach  'eil  ann  am  baird  agus 
speuradairean  ach  leanaban  a  thaobh  ghnoth- 
uichean.  Ach  nach  bu  mhaith  an  rud  e  na'n 
robh  tuilleadh  de  spiorad  an  leinibh  ann  an 
obair  agus  ann  an  riaghladh  na  rioghachd 
na  tha  ann!  Tha  urrainn  mhaith  ag  radh 
gu  bheil  nithean  ann  a  tha  air  am  foillseach- 
adh  do  na  leanaban  ach  a  tha  foluichte  air 
daoine  glic  agus  eagnaidh. 

Ma  chreideas  tu  na  marsantan  tha  a 
h-uUe  duine  arms  an  diithaich  a  tha  a'  reic 
siiicair  no  caise  air  son  a  bhuarmachd  fein 
glic  agus  eagnaidh,  agus  mar  sin  comasach 
air  an  rioghachd  a  riaghladh,  ach  chan  'eil 
anns  na  sgoilearan  agus  na  baird  agus  luchd- 
lagha  nach  bi  ri  malairt  ach  daoine  do  nach 
aithne  an  saoghal,  no  doighean  an  t-saoghail, 
agus  mar  sin  nach  bu  choir  gnothuch  a 
bhi  aca  ri  riaghladh  na  rioghachd.  Tha 
mi  a'  fas  sgith  de  bharraghloir  agus  de 
rabhaireachd  de'n  t-seorsa  sin ;  b'  fhearr 
leam  gu  mor  geill  a  thoirt  do  'n  duine 
chaomh  agus  do'n  duine  ghlic  sin,  mac 
Shirach,  a  sgriobh  leabhar  Ecclesiasticus 
Tha  esan  ag  radh, 

Tha  gliocas  an  duine  ionnsaichte  r'a  fhaotainn 

le  athais,  -' 

Agus  fasaidh  e  glic  ma  tha  'inntimi  saor  is 

moran    ghnothuichean, 
Ciamar  is  urrainn  gliocas  a  bhi  aca-san  a  tha 

cumail  a'  chroinn  ; 
Agus  nach  cluinn  seanchas  air  bith  ach  mu 

dhaimh  ; 
Tha  an  inntiim  air  a  toirt  suas  le  treabhadh 
Agu^  tha  iad  dichiollach  a'  biathadh  cruidh. 


Ach    chan    iarrar    an    comhairle    ann    an 

ciiisean  m6ra 
Agus  cha  mho  a  chuirear  'n  an  suidhe  iad 

ann  an  cat  hair  breitheanais. 


Aireamh  9 


1946 


An  t-Athair  gaolach 

Cha  tig  aon  neach  churn  an    Athar  ach  tromham-sa. — Eoin  xiv.  6. 


THA  na  speuran  a'  cur  an  ceill  gloii-  Dhe  ; 
tha  an  talanih  agus  an  cruthachadh  uile  a' 
cur  an  ceill  a  chumhachd  agus  a  ghliocais, 
ach.  chan  'eil  na  speuran  no  an  talamh  ag 
innseadh  dhuinn  gur  e  Dia  ar  n-atliair,  no 
gur  gradh  Dia.  Is  ann  o  Chriosd  a  mhain 
a  fhuair  sin  an  t-eolas  sin.  Anns  an  t-saoghal 
nadurra  tha  comharraidhean  gu  leoir  air 
cumhachd  Dhe,  agus  ma's  duine  tuigseach 
agus  iriosal  thu,  bheir  Nadur  ort  fhaireach- 
duin  gu  bheil  nithean  faicsinneach  a'  toirt 
fianuis  dhuit  air  an  Dia  mhor  agus  chumhach- 
dach  a  dhealbh  iad.  Ach  cha  toir  Nadur 
fianuis  dhuit  air  Dia  an  t-Athair.  "  Cha  tig 
aon  neach  chum  an  Athar  ach  tromham-sa." 
Sin  fior  obair  Chriosd,  an  t-Athair  neamh- 
aidh  fhoillseachadh  d'a  chloinn.  Ar  n-athair 
a  ta  air  neamh  ;  gu  naomhaichear  t'ainm. 
Naomh,  naomh,  naomh,  tha  ainm  uasal  an 
Ti  a  chruthaich  sinn,  agus  a  shaor  sinn, 
agus  a  ghabh  truas  dhinn,  mar  a  ghabhas 
athair  truas  d'a  chloinn. 

So  an  t-eolas  as  airde  as  urrainn  a  bhi  aig 
duine  air  Dia,  ach  chan  'eil  buannachd 
dhuimi  ann  an  eolas  air  bith  air  Dia  mur 
cuir  sinn  deuchainn  air.  Rinn  Criosd  sin 
'n  a  bheatha  fhein ;  m'' athair,  Athair 
naoimh  ;  ciod  air  bith  an  suidheachadh  anns 
an  robh  e,  ghairni  e  air  Dia  leis  an  fhacal 
sin,  Athair,  agus  gaeh  uair  a  ghabh  e  an 
t-ainm  gaolach  air  a  bhilean  dh'  fhiosraich 
e  sith  agus  aoibhneas  do-labhairt.  An 
amhghar  a  chuirp  agus  anama  air  a'  chrann- 
cheusaidh  ghlaodh  e,  Mo  Dhia,  Mo  Dhia, 
ach  cha  b'e  sin  am  facal  mu  dheireadh,  oir 
dh'  fhairich  e  gu  robh  greim  aig  an  Athair 
air  a  laimh,  agus  thug  e  suas  an  deo  leis  na 
briathran  so  air  a  bhilean,  "  Athair,  tha  mi 
a'  tiomnadh  mo  spioraid  ad  lamhan-sa." 

Chan  'eil  ann  an  ainm  ach  ainm  fhein  ; 
chan  'eil  anns  an  ainm  so  air  Dia  ach  samh- 
ladh  no  comharradh  leis  an  d'  fheuch  Criosd 
ri  innseadh  do  na  deisciobuil  mu'n  fhiosrach- 
adh  dhluth  agus  shona  a  bha  aige  air  Dia 
tre  umhlachd  d'a  thoil  agus  tre  earbsa  'n 
a  ghradh  agus  'n  a  mhaitheas.  Samhladh 
air  an  daimh  bheannaichte  a  dh'  fhaodas 
a  bhi  eadar  duine  maith  agus  an  Dia  neo- 
fhaicsinneach. 


Chan  ann  aig  Criosd  a  tha  a'  choire  gu 
bheil  an  samhladh  so  gle-thric  air  a  mhilleadh 
do  chloinn  le  deanadas  dhroch  pharantan, 
no  gur  e  an  sgeul  a  bu  truaighe  dhaibh  gu 
bheil  Dia  coltach  ri'n  athair  air  thalamh. 

Ach  ma  bha,  no  ma  tha,  parantan  gaolach 
glic  agad,  ciod  an  t-ainm  no  an  samhladh 
eile  as  fhearr  dhuit  tighinn  an  lathair  Dhe 
leis,  oir  tha  e  'n  a  urras  dhuit  gu'm  faigh 
thu  a  reir  do  chreidimh.  "Ma's  aithne 
dhuibhse  a  tha  olc  tiodhlacan  maithe  a 
thabhairt  do  bhur  cloinn,  nach  mo  na  sin 
a  bheir  'ur  n- Athair  a  tha  air  neamh  nithean 
maithe  dhoibhsan  a  dh'iarras  air  iad." 

Tha  an  t-ainm  no  an  samhladh  Righ  air 
a  chleachdadh  air  uairean  anns  a'  Bhiobull 
a  nochdadh  na  daimhe  anns  a  bheil  Dia 
agus  an  duine  d'a  cheile,  ach  chan  'eil  am 
blaths  no  an  tarruing  anns  an  ainm  sin  a  tha 
anns  an  fhear  eile,  oir  tha  mughadh  mor 
eadar  cuirt  an  Righ  agus  do  dhachaidh, 
eadar  an  Righ-chathair  agus  glun  t- athar. 
Theid  aig  an  Righ  air  tiodhlacan  agus  fabh- 
ar  a  thoirt  seachad,  ach  bheir  an  t-athair 
dhuit  rud  as  fhearr,  a  chomunn,  a  ruintean- 
diomhair,  a  ghras  agus  a  ghaol.  Their  e 
mo  chlann.  Do  dhuine  a  bhios  a'  smuain- 
eachadh  air  Dia  mar  'athair  air  neamh  cha 
bhi  e  duilich  a  chreidsinn  gu  bheil  fuilteinean 
a  chinn  uile  air  an  aireamh  le  Dia  ;  cha  bhi 
e  duilich  dha  a  chreidsinn  gur  e  rtm-cridhe 
an  athar  a  mhic  agus  a  nigheanan  a  dhean- 
amh  naomh  mar  tha  e  fein  naomh,  chum 
agus  gu'm  bi  pairt  aca  'n  a  bheatha  agus  'n 
a  ghloir  shiorruidh.  Glann  agus  oighreachan 
do  Dhia  agus  co-oighreachan  maille  ri  Criosd  ; 
gun  teagamh  chan  'eil  an  sin  uile  ach  briath- 
ran agus  samhladh,  ach  ciamar  eile  a  ghreim- 
icheas  tu  air  Dia  agus  air  nithean  neamhaidh 
ach  le  samhlaidhean. 

M'  athair,  agus  tigh  m'  athar.  Ann  an 
saoghal  a  tha  Ian  de  nithean  eagalach,  agus 
air  do  chuartachadh  le  cumhachdan  a 
chuireas  crith  agus  goirisinn  air  t'  fheoil, 
gun  fhios  agad  ciod  is  ciall  dhaibh  no  c'uin 
a  dh'  fhaodas  iad  leum  ort  'g  ad  sgrios,  nach 
maith  dhuit  a  bhi  a'  cuimhneachadh  gur 
e  so  an  doigh  anns  an  robh  an  Neach  a  b' 
fhearr  a  bha  riamh  air  thalamh  a'  smuain- 


AN^S  A'  CHATHAIR 


eachadh  air  Dia  agus  air  an  t-saoghal. 
B'aithne  dha  Dif^  na  b'fhearr  na  b'aithne 
do  na  h-aithrichean  no  do  na  faidhean  e, 
ach  ged  bha  e  eolach  air  na  h-ainmean  a 
thug  iad  dha  chuir  e  air  chiil  iad  agus  thagh 
e  an  t-ainm  ur  so  gu  bhi  a'  tarruing  dhaoine 
gu  Dia.  "  Cha  tig  aon  neach  a  dh'  ionnsuidh 
an  Athar  ach  tromham-sa."  Co  a  chuir  'n 
a  chridhe  sin  a  dheanamh  ach  Dia  fhein, 
air  chor  agus  gur  e  so  an  t-ainm  leis  am 
b'aill  le  Dia  a  bhi  air  fhoillseachadh . 

An  uair  a  bha  e  a'  teagasg  nan  deisciobul 
b'e  an  t-athair  neamhaidh  agus  rioghachd 
Dhe  no  rioghachd  neimh  cuspair  a  shean- 
chais  uile  gu  leir.  "Athair  chothromaich,  cha 
b'  aithne  do'n  t-saoghal  thusa,  ach  b'aithne 
dhomhsa  thu  ....  agus  dh'fhoillsich  mise 
d'  ainm  dhaibh." 


Athair  cothromach,  athair  naomh,  athair 
beannaichte,  ach  daonnan  ar  n-athair  a  ta 
air  neamh. 

Clann  pheacach,  clann  sheachranach,  clann 
eas-umhail,  ach  daonnan  clann  Dhe  air 
thalamh. 

Ma  tha  duine  ann  an  aite  air  bith  air 
thalamh,  dubh  no  geal,  m'am  faodadh  tu  a 
radh  gur  e  duine  as  miosa  agus  as  aingidhe 
air  thalamh  tha  gaol  aig  Dia  air  ;  tha 
cuimhne  aig  Dia  air  mar  a  mhac  seachranach, 
agus  tha  a  lamhan  sinte  a  mach  fad  an 
la,  a'  cur  impidh  air  tighinn  dhachaidh. 

An  t-athair  gaolach. 

Ar  n-athair  a  ta  air  neamh 

Gu  naomhaichear  t-ainm. 


Anns  a'  Chathair 


BHO  chionn  da  bhliadhna  tha  grunnan  beag 
dhaoine  a'  feuchainn  ri  aire  na  h-eaglais  a 
tharruing  gu  rud  as  dluithe  do'n  bheatha 
dhiadhaidh  na  dad  eile  anns  a  bheil  lamh 
aice,  ciamar  a  ghabhas  an  soisgeul  agus 
an  creideamh  Criosduidh  a  bhi  air  an  cumail 
beo  an  Albainn  an  diugh  an  uair  nach  'eil 
aireamh  mhor  de'n  t-sluagh  a'  feitheamh 
idir  air  meadhonan  nan  gras,  no  a'  creidsinn 
gu  bheil  iad  a'  call  dad  ged  nach  'eil  ? 

Chnuasaich  iad  air  a'  cheist  so,  agus  air 
iomadh  rud  eile  a  bhuineas  dhi,  iiine  fhada, 
agus  a  nis  tha  am  beachdan  agus  an  comhair- 
lean  air  an  cur  a  mach  fo  laimh  an  Urramaich 
V.  C.  Alexander  agus  an  Urramaich  Neville 
Davidson. 

Leugh  mi  an  leabhran  beag  so  gu  curamach, 
agus  baigh  agam  'n  am  chridhe  ris  an  fheadh- 
ainn  a  sgriobh  e,  agus  ris  gach  duine  a  tha 
ag  urnuigh  gu'n  ath-bheothaicheadh  Dia 
obair  a  Spioraid  fhein  ann  an  Albainn,  ach 
ged  tha  iomadh  rud  fior  air  a  radh  ann  tha 
eagal  orm  nach  fhaicear  teine  Dhe  am  measg 
an  fhraoich  'n  ar  latha-ne. 

Bho  1919  dh'  fheuchadh  uair  no  dha  ri 
"  dusgadh  "  a  dheanamh  anns  an  eaglais 
le  innleachdan  dhaoine,  le  doighean  ris  an 
abrar  organisation,  agus  publicity,  agus 
propaganda,  ach  ged  bha  an  tiinich  agus  an 
othail  cho  mor  bha  an  t-iasgach  no  am 
fogharadh  cho  beag  's  gu'n  saoilinn  gu'm 
fosgladh  e  suilean  na  feadhnach  aig  a  bheil 
dochas  gu'n  glacar  daoine  leis  na  ribeachan 
sin. 

Tha  uiread  grain  agam-sa  air  organisation 
agus  publicity  agus  propaganda,  agus  uiread 


eagail  orm  an  cleachdadh  ann  an  obair 
spioradail  's  nach  ceadaich  mi  dhomh  fhein 
an  corr  a  radh  umpa  air  eagal  gu'n  goirtich- 
inn  daoine  a  tha  a'  creidsinn  annta. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  leugh  mi  an 
leabhran  so  gu  cviramach,  ach  an  deidh 
dhomh  a  leughadh,  agus  m'aonta  a  chur 
ri  moran  de  na  leugh  mi  ann,  is  e  an  aon 
sniuain  a  dh'  fhan  'n  am  inntinn  nach  dean 
e  maith  no  cron,  a  chionn  nach  'eil  fhios 
aig  an  fheadhainn  a  chuir  ri  cheile  e  na's 
mo  na  tha  agad  fhein  no  agam-sa  ciod  a  tha 
cearr  anns  an  eaglais,  no  air  muinntir  na 
h-Alba,  no  an  gabh  na  tha  cearr  cur  ceart. 
Tha  iad  ann  an  ceo,  agus  chan  fholuich 
lionmhorachd  bhriathran  gu  bheil.  Theid 
thu  a  steach  air  dorus,  siubhlaidh  tu  o 
sheomar  gu  seomar  an  diiil  gu  bheil  thu 
dol  a  dh'  fhaicinn  no  chluinntinn  ni-eigin 
mor  is  iongantach,  ach  thig  thu  air  t'  ais 
a  dh'  ionnsuidh  a'  cheart  doruis  air  an 
deachaidh  tu  a  steach,  agus  an  uair  a  theid 
thu  a  mach  tha  an  ceo  cho  dumhail  's  a  bha 
e  riamh. 

Cuimhnich,  a  leughadair,  nach  ann  a' 
faotainn  coire  do'n  fheadhainn  a  sgriobh 
an  leabhran  so  a  tha  mi;  chan  ann  idir. 
Gu  ma  fada  bhuam  coire  fhaotainn  do 
dhaoine  a  rinn  an  obair  so  a  dh'earbadh 
riu  fada  fada  na  b'  fhearr  na  dheanamh 
tusa  no  mise  i,  ach  tha  amharus  agam  gu'm 
bi  an  saothair  diomhain. 

Is  e  a'  cheud  cheist  a  bu  choir  dhuinn  a 
chur  oirnn  fhein,  Ciod  a  tha  dhuinn  'n  a 
dhoilgheas  spioraid  ann  an  suidheachadh  na 
h-Alba  an  diugh  ?     An  e  gu  bheil  an  sluagh 


ANNS  A*  CHATHAIR 


air  fas  aineolacli,  boib,  neo-stuama,  neo- 
mhoralta,  ain-diadhaidh  ?  Na'n  abradh  tu 
sin  air  ard-urlar  follaiseach,  bha  cho  maith 
dhuit  do  bhata  a  chur  ann  an  nead  speachan, 
oir  leumadh  na  miltean  air  do  mhuin  a' 
glaodhach  gu  robh  thu  a'  togail  droch 
thuaileas  air  sluagh  deanadach,  diadhaidh, 
coibhneil,  tuigseach,  nach  'eil  na's  fhearr 
na  iad  air  an  t-saoghal.  Ma  tha  sin  fior, 
chan  'eil  aobhar  againn  a  bhi  tursach  mu 
shuidheachadh  truagh  na  h-Alba.  An  e  a 
tha  'g  ar  gonadh  nach  'eil  an  sluagh  maith 
so  a'  dol  do'n  eaglais  ? 

Tha  an  eaglais  an  diugh  air  a  h-uidheam- 
achadh  air  son  a  gnothuich  mar  tha  Tighean- 
mora  marsantachd,  le  seirbhisich  a  dh' 
fheumas  i  a  sheasamh,  agus  feumaidh  i 
tighinn-a-stigh  mhor  a  bhi  aice  agus  moran 
bhall  ma  bu  mJiaith  leatha  soirbheachadh. 
Tha  customers,  agus  tighinn-a-stigh  mhor, 
agus  soirbheachadh  saoghalta,  cho  mor  a 
dhith  air  an  eaglais  's  a  tha  iad  a  dhith  air 
Imperial  Chemicals  Co.,  no  air  Comunn- 
uilidh  Bhurmah.  Ma  chaillear  na  customers 
theid  an  tighinn-a-stigh  sios,  agus  ma  theid 
an  tighinn-a-stigh  sios,  theid  an  eaglais 
sios.  Cha  ghabh  dad  deanamh  gun  airgiod, 
agus  cha  ghabh  airgiod  faotainn  gun  bhuill. 
Tha  cuip  an  t-Seanaidh  thairis  air  na 
Cleirean,  agus  cuip  nan  Cleirean  thairis  air  a' 
mhinistear,  agus  cuip  a'  mhinistear  thairis 
air  a'  choimhthional,  agus  an  aon  ghlaodh 
'n  an  ceann  uile,  Thoiribh  dhuinn  airgiod. 
Anns  an  leabhran  bheag  so  fhein  air  a  bheil 
mi  a'  bruidhinn,  a  bha  air  a  sgriobhadh  le 
da  dhuine  cho  ionraic  agus  cho  gaolach 
's  a  tha  anns  an  eaglais,  is  e  am  facal  mu 
dheireadh  a  chuir  iad  sios,  agus  a'  chomhairle 
mu  dheireadh  a  tha  iad  a'  tairgsinn,  gu'm 
biodh  e  glic  do  dh'  Eaglais  na  h-Alba  fear- 
dreuchd  ur  a  chur  air  leth  gu  bhi  'n  a 
Organiser  air  obair  shoisgeulach.  Tha  an 
sop  sin  fhein  a'  nochdadh  ciod  an  taobh  a 
tha  a'  ghaoth  a'  seideadh,  agus  cho  eu- 
comasach  's  a  tha  e  faotainn  air  falbh  o 
dhoighean  agus  fasain  na  marsantachd  ann 
an  obair  na  h-eaglais. 

Mar  so  tha  e  furasda  do  luchd-dreuchd 
na  h-eaglais  a  bhi  'g  am  m.ealladh  fhein, 
agus  a  bhi  saoilsinn  gu  bheil  eud  soisgeulach 
'n  an  cridhe  an  uair  nach  'eil  dad  eile  air 
an  aire  no  anns  an  amharc  aca  ach  an 
eaglais  a  Uonadh.  An  uair  a  chi  ministear 
na  suidheachain  Ian  tha  e  furasda  dha  a 
chreidsinn  gu  bheil  rioghachd  Dhe  a'  teachd, 
ged  nach  'eil  dad  a'  teachd  ach  soirbheachadli 


saoghalta  na  h-eaglais.  An  eaglais  agus  an 
rioghachd ;  chan  'eil  iad  idir  co-ionnan, 
agus  gle  thric  tha  da  thrian  a  dh'  obair  na 
h-eaglais  air  a  thou't,  chan  ann  do  sheirbhis 
na  rioghachd  ach  'g  a  cumail  fhein  bed. 

Ach  car  son  a  bhithinn  a'  bruidhinn  air 
na  nithe  beaga  so  agus  na  nithe  mora  mar 
dhruma-bhroin  a'  bualadh  teagamhan  'n 
am  chridhe  ? 

Am  faod  e  tachairt  gu'n  searg  an  eaglais 
as,  agus  gu'n  gabh  Dia  doigh  eile  air  e  fein 
fhoillseachadh  agus  a  rilintean  a'  choimh- 
lionadh.  Bha  an  eaglais  ludhach  'n  a 
soitheach  taghta  ann  an  laimh  Dhe,  ach 
bha  a  coinnlear-se  air  atharrachadh  as  aite. 
Leig  an  eaglais ,  sea  chad  cheana  a'  chuid 
mhor  de'n  obair  a  bha  aice  anns  na  seann 
linntean,  ciiram  bhochd,  teagasg,  a  bhi  'n  a 
bean-ghleidhidh  air  Facal  Dhe,  agus  chan 
'eil  i  a'  deanamh  dad  a  nis  nach  deanteadh 
cho  maith  air  dhoigh  eile  ach  a  mhain 
frithealadh  nan  Sacramaidean.  Ach  tha 
cuid  de  na  Criosduidhean  as  fhearr  air  an 
t-saoghal  nach  'eil  a'  coimhead  shacramaidean 
idir.  Co  aige  a  tha  fhios  nach  ann  aig  an 
eaglais  a  thoisicheas   breitheanas  ? 

Nach  'eil  Dia  a'  toirt  breitheanais  air  an 
eaglais  cheana  an  uair  a  tha  an  saoghal  ag 
ardachadh  ainm  Chriosd  mar  is  motha  a 
dh'  islicheas  e  ainm  agus  cliu  na  h-eaglais  ? 
Ma  tha  an  saoghal  a'  fas  caoin-shuarach  air 
an  eaglais  agus  air  na  seana  chreudan  chan 
'eil  e  a'  fas  caoin-shuarach  mu  Chriosd,  oir 
CO  dhiubh  a  tha  annta  feallsanaich,  no 
Hinduaich,  no  Christian  Scientists,  no  luchd- 
aicheadh  Dhe,  tha  iad  a'  stri  gu  bhi  'g  a 
chunntas  air  an  taobh.  Tha  uachdranachd- 
san  siorruidh,  co-mhaireann  ris  a'  ghrein. 

An  eaglais  naomh,  choitchionn !  Chan 
'eil  ach  aon  dearbhadh  air  naomhachd  na 
h-eaglais.  cumhachd  a  bhi  innte  air  naoimh 
a  bhreith  agus  arach,  agus  chan  'eil  ach  aon 
dearbhadh  air  coitchionnas  na  h-eaglais, 
aonachd  a  bhi  innte  mu'n  chreud  a  tha  i 
ag  iarraidh  air  an  t-saoghal  a  chreidsinn. 

A  bheil  an  eaglais  'n  a  mathair-oide  do 
naoimh  an  diugh  ? 

A  bheU  aonachd-inntinn  innte  a  leigeadh 
leatha  a  radh  le  aon  ghuth  agus  aon  chridhe, 
ciod  e  an  soisgeul,  no  ciod  e  an  Creideamh 
Criosduidh  ? 

Sin  ceistean  leis  am  bu  choir  dhuinn  a  bhi 
'g  ar  ceasnachadh  fheiai  gu  samhach  agus 
gu  h-mosal. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


Mar  dhed-greine  do  tn'anam  fein 
Tha  sgeul  air  na  laithean  a  dh'fhalbh. 


ANNS  a'  bhliadhna  1901  bha  an  t-Urramach 
Seoras  Mac  Eanruig  air  a  shuidheachadh 
an  sgir  Eadra-chaolais,  an  Cataibh ;  sgoilear 
maith  agus  duine  naomh.  Bha  Seoras  Mac 
Eanruig  agus  mise  comhla  anns  ail  aon 
chlass  an  Talla  na  Diadhachd  an  Diin- 
eideann,  ged  bha  esan  bhadhnachan  na  bu 
shine,  oir  chuir  e  seachad  iiine  an  Oxford 
agus  ann  an  Vienna  an  deidh  dha  crioch- 
nachadh  anns  an  Oilthigh  m'  an  deachaidh 
e  a  steaeh  do  Thalia  na  Diadhachd.  Bha 
meas  agam  air  mar  sgoilear  Gaidhlig,  ach 
bha  barrachd  meas  agam  air  mar  dhuine 
naomh,  fear  de  na  tri  daoine  a  bu  naoimhe 
a  b'aithne  dhomh  riamh. 

Bha  an  sgoilear  barraichte  agus  an  duine 
naomh  so  air  a  shuidheachadh  anns  an  sgir 
fhasail  ud  anns  nach  robh  coimhthional 
no  dad  eile  a  thogadh  inntinn  no  cridhe 
duine,  ach  ged  bha  an  t-aite  aonaranach, 
agus  an  eaglais  fuar  is  falamh,  bha  aon 
fhoirbheach  innte  a  bha  'n  a  dhuine  cho 
uasal  agus  cho  urramach  'n  a  uile  dhreuchdan 
's  gu'm  b'fhiach  dhuit  coiseachd  o'n  chrich 
Shasunnaich  gu  Sgobhairigh  a  chur  eolais 
air,  Evander  Mac  lamhair,  a  bha  'n  a 
bhaillidh  aig  Diuc  Chataibh. 

Theirinn  gur  e  da  Mhoderate  a  bha  anns 
an  dithis  ud,  Evander  Mac  lamhair  agus 
Seoras  Mac  Eanruig,  ach  ged  a  shiubladh 
tu  Albainn  uile  ann  an  1901,  c6  an  eaglais 
no  an  coimhthional  anns  am  faigheadh  tu 
ministear  agus  foirbheach  a  chuireadh  tu 
air  thoiseach  orra  ?  Bha  la  ann  anns  an 
robh  an  t-ainm  Moderate  air  a  thilgeadh  air 
daoine  mar  inisg,  ach  chuir  a'  chuibheall 
car  dhi,  agus  ged  tha  ainmean  eile  a  bha 
aon  uair  am  fabhar  air  an  cumhachd  agus 
an  cliii  a  chaU,  tha  an  t-ainm  Moderate  air 
dol  suas  am  meas  cho  mor  's  gu'n  do  sgriobh 
am  fear  nach  maireann,  Ard-cheann  CoUaist 
na  Trianaid  an  Glaschu,  an  t-OUamh  W.  M. 
Mac  Griogair,  oraid  mhor  'g  a  mholadh. 

Bha  Evander  Mac  lomhair  ceithir  fichead 
's  a  deich  an  uair  a  chaidh  Seoras  Mac 
Eanruig  do  Eadra-chaolais,  seann  duine  a 
dh'  fhiosraich  moran  trioblaid  'n  a  bheatha 
ach  a  bha  air  abuchadh  an  gliocas  diadhaidh 
agus  am  faidhidinn.  Bha  aon  deug  de 
theaghlach  aige,  ach  shiubhail  a  bhean, 
nighean  do  fhear  Sgeubost  anns  an  eilean 
Sgitheanach,  agus  a'  chuid  mhor  de  'n 
teaghlach    roimhe    fhein,    agus    bha    e    air 


fhagail  leis  fhein  mar  sheana  chraobh  gun 
gheugan  gun  duilleach.  Bha  bean  ghaolach 
aige,  agus  bha  companas  anabarrach  dluth 
eatorra,  air  a  dheanamh  na  bu  dluithe 
leis  an  fhreasdal  chruaidh  a  thug  bhuapa 
aon  as  deidh  aoin  d'  an  teaghlach  'n  an 
oige. 

An  deidh  hks  a  mhnatha  sgriobh  e  so, 
"  Bha  sinn  comhla  sia  diag  is  d^  fhichead 
bliadhna  ;  thug  Dia  dhuinn  comhfhurtachd 
agus  nithean  maithe  ^ile  a  bu  choir  dhuinn 
a  bhi  taingeil  air  an  son,  ach  chunnaic  e 
iomchuidh  'n  a  fhreasdal  glic  agus  gradhach 
ar  smachdachadh  le  amhghar  gheur.  A' 
chlann  a  thug  e  dhuinn,  thug  e  bhuainn, 
ach  tha  fhios  againn  nach  ann  gun  aobhar 
ach  a  chum  ar  leas  a  dh'  irioslaich  e  sinn  ; 
beannaichte    gu    robh    'ainm    naomh." 

'N  a  sheann  aois  bha  co-chomunn  agus 
seanchas  a'  mhinisteir  oig  'n  a  sholas  mor 
dha,  oir  bu  toigh  leis  companas  dhaoine 
diadhaidh  agus  companas  dhaoine  stolda 
a  bha  fiosrach  agus  foghluimte,  agus  gheibh- 
eadh  e  na  nithean  sin  uile  ann  an  Seoras 
Mac  Eanruig  ann  an  tomhas  pailt. 

An  uair  a  bha  Evander  Mac  lomhair 
ceithir  fichead  's  a  ceithir  leig  e  dheth  a 
dhreuchd  ann  an  seirbhis  Ditic  Chataibh, 
agus  o'n  a  bha  a  mheomhair,  a  chuimhne 
agus  a  shealladh,  cho  maith  's  a  bha  iad 
riamh,  agus  o'n  a  bha  uine  aige  dha  fhein 
agus  athais  nach  robh  aige  na  bu  traithe  'n 
a  bheatha,  thoisich  e  air  cuimhneachain  air 
laithean  oige  a  chur  sios  air  paipear  'g  a 
thoileachadh  fhein  agus  a  thoirt  eolais  d'a 
theaghlach  air  na  daoine  o'n  d'  thainig 
iad. 

Leig  e  fhaicinn  na  sgriobhaidhean  sin  do 
Sheoras  Mac  Eanruig  an  uair  a  fhuair  iad 
eolas  air  a  cheile,  agus  mheas  esan  gu  robh 
iad  cho  fiachail  's  gu'm  bu  choir  an  cur  an 
clodh . 

Bha  sin  air  a  dheanamh  ann  an  1904  ; 
bha  leabhar  mor  gasda  air  a  chur  a  mach 
fo  laimh  Mhic  Eanruig,  a  sgriobh  na  caibid- 
ealan  mu  dhetreadh  dheth  fo  aithris  an 
t-seann  duine  a  bha  a  lamh  air  fas  crith- 
eanach  agus  a  shealladh  a'  failneachadh, 
direach  mar  a  bhiodh  Tertius  a'  sgriobhadh 
litrichean  Phoil. 

Rugadh  Evander  Mac  lomhair  an  Gress, 
an  eilean  Leodhuis,  an  1811,  agus  chaochail 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


e  an  Sgobhairigh  an  1903  ;  na'n  robh 
cunntas  air  a  dheanamh  air  a  h-uile  mughadh. 
no  atharrachadh  a  thainig  air  a'  Ghaidheal- 
tachd  an  taobh  a  stigh  de  bheatha  an  aon 
duine  so,  cha  bhiodh  crioch  air  na  leabh- 
raichean  a  dh'  fheumadh  e. 

An  uair  a  chaidh  e  do'n  sgoil  an  Dun- 
eideann  (an  Academy)  bha  e  ceithir  la  deug 
air  an  t-slighe  ann  am  bata  d'am  b'ainm 
Annabella,  le  luchd  sgleat,  ach  ged  bu  dona 
leis  an  tinneas-mara  a  dh'  fhuiling  e,  bu 
mhiosa  leis  am  magadh  agus  an  aithlis  a 
bJiiodh  balaich  Dhun-eideami  a'  deanamh 
air  a  bhlas  agus  a'  chaoin  Leodhusach  a  bha 
air  a'  Bheurla  aige. 

Bha  e  maith  air  eunntais  agus  air  Greigis, 
agus  la  a  bha  an  class  a'  leughadh  Xenophon's 
Anabasis  thainig  da  dhuine  a  steach  do'n 
t-seomar-sgoile,  fear  dhiubh  a'  sealltuinn 
gu  maith  trom  agus  neo-shunndach,  le 
aghaidh  dhearg  agus  ceann  glas.  Co  a 
bha  ann  ach  Sir  Walter  Scott  ?  Chuir  am 
maighstir- sgoil  Evander  Mac  lomhair  air 
a  chois  a  leughadh  na  Greigis  an  lathair 
Sir  Walter,  agus  gu  brath  tuilleadh  bha  e 
mor  as  fhein  gu'n  deachaidh  aige  air  a' 
Ghreigis  a  thionndadh  gu  Beurla  cho  maith 
's  gu'n  d'thug  am  maighstir-sgoil  taing  dha. 
Bha  aobhar  aige  a  bhi  mor  as  fhein,  oir  chan 
e  h-uUe  latha  a  gheibh  balach  an  cothrom 
air  a  sgoilearachd  a  dhearbhadh  an  lathair 
Urra  Mor  cho  uasal  ri  Walter  Scott. 

Bha  a'  chuid  mhor  de  na  balaich  a  bha 
comhla .  ris  anns  an  Academy  an  1825  ag 
ionnsachadh  Greigis,  ach  tha  an  saoghal 
an  diugh  a'  tionndadh  air  falbh  o  Ghreigis 
gu  dadumain  agus  fridean  puinnseanta  a 
bhiodh  naire  ort  ainmeachadh  an  lathair 
Homer  no  Sir  Walter  Scott.  Nach  faod  e 
bhith  gur  e  aon  de  na  h-aobhair  gu  bheil 
uiread  troimh-cheile  agus  brtiidealas  anns 
an  t-saoghal  an  diugh,  nach  'eil  Greigis  air 
a  teagasg  anns  na  sgoilean,  oir  tha  Greigis 
agus  an  inntinn  chiallach  a'  dol  cas  ri 
cois. 

Chan  'eil  e  f urasda  a  radh  co  dha  a  bhuineas 
Leodhus  an  diugh  ;  dh'  fhalbh  na  teagh- 
laichean  uasal  a  bha  'n  an  uachdarain  ann, 
aon  as  deidh  aoin.  Co  dhiubh  is  e  a'  mhoine, 
no  am  fraoch,  no  an  t-sid,  no  an  amaideas 
fein,  a  bu  choir  each  chuir  Leodhus  barrachd 
uachdaran  a  dhith  na  chuir  fearann  air  bith 
eile  an  Albainn.  Is  e  crioch  araidh  na 
mona  an  teine,  agus  chan  e  a  bhi  a'  toirt  bun- 
tata  no  cal,  no  currain,  aisde.  An  1811  b'e 
teaghlach  Mhic  Coinnich,  Siphort,  tighearnan 
Leodhuis,  ach  ciamar  air  bith  a  chaidh  iad 
ann,  no  cia  as  a  thainig  iad,  bha  aona  ceud 
deug  de  Chloinn  lomhair  an  Leodhus  an  1861. 


Bha  an  t-Ollamh  nach  maireann,  Seoras 
Mac  Eanruig,  anabarrach  maith  air  sloinn- 
tearachd,  agus  gheibh  duine  air  bith  a  tha 
air  son  duthchas  agus  meuran  Chloinn 
lamhair  ionnsachadh  air  a  theangaidh  anns 
an  leabhar  so,  Memoirs  of  a  Highland 
Gentleman,  na  chumas  a'  cagnadh  e  fad 
bliadhna.  Ach  an  viair  a  thainig  mise  a 
dh'  ionnsuidh  nan  duilleagan  sin  leum  mi 
thairis  orra,  oir  bha  cho  maith  leam  dol 
do'n  phriosan  ri  toiseachadh  air  sloinn- 
tearachd  nam  fineachan. 

Chan  'eil  dad  ann  an  tiotal  an  leabhair 
ach  an  fhmnn.  Bu  duin-uasal  o  mhuUach 
a  chinn  gu  bonn  a  choise  Evander  Mac 
lomhair,  'n  a  dhuthchas,  'n  a  ghne,  'n  a 
oilean,  'na  chaitheamh-beatha.  Thainig  e 
o  dhaoine  maith  agus  cothromach  aig  an 
robh  cairdeas  agus  dol-is-tighinn  ri  moran 
theaghlaichean  eile  a  bha  measail  anns  an 
tir,  agus  eadar  1845  agus  1903  cha  mhor 
dhaoin-uaisle  eile  a  rachadh  do  Chataibh 
gun.  tadhall  air.  Mar  so  chuir  e  eolas  air 
Iain  Bright,  M.P.,  Gladstone,  an  Righ 
Eideard  VII,  Diuc  Earra-Ghaidheal  (an 
Diuc  ruadh  anns  an  robh  eanchainn  agus 
smioralachd)  agus  maithean  de'n  t-seorsa 
sin,  a  thuilleadh  air  ceudan  eile  a  bhiodh 
a'  dol  a  dh'  iarraidh  cead  iasgaich  air,  no 
comhairle,  no  forbhais  mu  nithean  a  b' 
aithne  dha.  Fad  iomadh  bliadhna  b'e  a 
bha  a'  riaghladh  gach  Bord  sgoile  agus  gach 
Bord  nam  bochd  air  taobh  an  lar  Chataibh, 
agus  bha  e  daonnan  furachail  feuch  am 
faiceadh  e  balaich  thapaidh  a  bha  air  son 
faotainn  air  an  aghaidh,  agus  a  b'  fhiach  an 
cuideachadh.  Chuir  e  iomadh  balach  an 
Asaint  air  an  casan  's  an  doigh  so. 

Bha  e  dliith  air  da  bhliadhna  na  b'  oige 
na  Gladstone,  agus  chuir  bas  Ghladstone  gu 
smuaineachadh  e  an  uair  a  shiubhail  e  an 
1898.  Bha  seanchas  aige  ri  Gladstone 
iomadh  uair  (bha  e  aon  uair  'n  a  chomunn 
fad  seachduin),  agus  bha  meas  mor  aige  air 
mar  dhuine  a  i)ha  cho  coimhlionta  's  a  thach- 
air  riamh  air,  duin-uasal  a  bha  'n  a  sgoHear 
agus  a  bha  diadhaidh,  aoibheil  agus  seanchas- 
ach  agus  abhacach  ann  an  doigh  laghach, 
ach  tromadach  cuideachd  mar  bu  choir 
do  dhuine  a  bhith  aig  an  robh  lamh  ann  an 
ciiisean  mora. 

Chuir  e  ionghnadh  fiadhaich  air  Gladstone 
a  chluinntinn  gu  robh  daoine  beo  anns  a' 
Ghaidhealtachd  'n  a  linn  fhein  a  bha  a' 
creidsinn  gu'n  gabhadh  toradh  toirt  a 
bainne,  no  gu'n  robh  seorsa  dhaoine  ann  a 
b'urrainn  an  t-im  a  tharruing  dhaibh  fein 
o  mhart  coimhearsnaich,  agus  thuirt  e  ri 
Evander  Mac  lamhair  gu  robh  e  cho  duilich 


MAC  SHIRACH 


leis  a  chreidsinn  gu  robh  an  creideamh 
faoin  ud  aig  duine  ciallach  air  bith  's  nach 
ereideadh  e  e  mur  tugadh  e  e  gu  neach 
air  choireigin  a  chluinneadh  e  le  chluasan 
fhein  ag  aideachadh  creideamh  cho  neonach 
agus  cho  neo-chreideasach. 

An  ath  latha  bha  e  fhein  agus  Gladstone 
a'  gabhail  sraid,  agus  thachair  seana  chroitear 
orra,  a  buachailleachd  da  mhart.  Bha  fhios 
aig  Mac  lomhair  gu  robh  deagh  Bheurla 
aig  a'  chroitear,  agus  gu'm  bu  duine  turail  e, 
is  dh'  fhaighnich  e  dheth  an  robh  e  a'  creid- 
sinn  gu'm  b'urrainn  neach  air  bith  a  thoradh 
a  thoirt  a  bainne.  Sheall  an  seann  duine 
air,  mar  gu'm  biodh  ionghnadh  air  ceist 
de'n  t-seorsa  a  bhi  air  a  farraid.  "  Tha," 
ars  esan,  "  tha  mi  'ga  chreidsinn  agus  tha 
mi  cinnteach  as,  agus  tha  fhios  agaibh  fein 
cho  maith  rium-sa  gu  bheil  e  fior." 

Ach  ma  bha  Gladstone  aoibheil  bha  Iain 
Bright  greannach.  Thainig  e  gu  Sgobh- 
airigh  agus  litir  aige  o'n  Diuc  ag  iarraidh 
air  a'  bh^illidh  cead-iasgaich  a  thoirt  dha 
air   an   abhainn.     Cha   robh   Evander  Mac 


lamhair  aig  an  tigh  an  uair  a  liubhair 
Bright  an  litir,  ach  sheol  a  mhac  e  gu  aite 
an  iasgaich.  Ach  cha  robh  aige  ach  slat 
chaol ;  bhris  i  m'an  gann  a  thoisich  e  air  a 
siabadh  is  chaidh  e  dhachaidh  gun  uiread 
agus  lann  aige  a  bheireadh  e  do'n  chat. 

Anns  an  fheasgar,  an  uair  a  thainig  Mac 
lamhair  dhachaidh  thadhaill  e  air  Mgr 
Bright  anns  an  Tigh-osda  arms  an  robh 
e  a'  fuireach.  Bha  e  a'  leughadh  's  a' 
smogadh  ;  bha  toit  an  tombaca  cho  dtimhail 
uime  's  nach  mor  gu'm  b'urrainn  Evander 
Mac  lamhair  fhaicinn  troimh  'n  cheo.  An 
uair  a  chual  e  mar  thachair  dha  thairg  e  a 
shlat  fhein  dha  an  dochas  gu'm  faigheadh 
6  bradan  am  maireach.  Ach  dhiult  Bright 
an  t-shlat  a  ghabhail ;  bha  droch  shaod  air, 
agus,  ars  esan  gu  cas  greannach,  "  chaill 
mi  latha  ;  chosd  e  dhomh  deich  tasdain 
dol  le  carbad  a  dii'  ionnsuidh  na  h-aibhne, 
is  falbhaidh  mi  am  maireach." 

Nach  truagh  duine  nach  urrainn  a  bhi 
suairce  agus  modhail,  no  a  dhroch  nadur 
a  chumail  fodha  ! 


Mac  Shirach 


ANN  an  litreachas  nan  ludhach  chan  'eil 
moran  leabhraichean  as  fhearr  na  Ecclesi- 
asticus,  leabhar  anns  a  bheil  cainnt  uasal 
agus  smuaintean  domhain  air  an  cur  air  do 
bheulaibh  le  grinneas  agus  snas. 

Ach  a  thaobh  a  bharail  air.mnathan,  tha 
e  a  cheart  cho  dona  ri  ludhaich  eile  ;  chan 
'eil  annta  ach  buaireadh  agus  cunnart. 

Ged  bhiodh  e  ro  laidir  a  r^dh  gu  robh  na 
h-aithrichean  anns  an  eaglais  ludhaich  a' 
sealltuinn  sios  air  boirionnaich  bha  iad  'g 
an  cur  fada  air  dheireadh  air  fir  ;  agus  cha 
do  shaoil  Pol  gu'n  robh  e  cearr  dha  an  aithne 
so  a  thoirt  do  Thimoteus,  "  chan  eil  mi  a' 
ceadachadh  do  mhnaoi  teagasg,  no  ceannas 
a  ghlacadh  air  an  fhear,  ach  i  bhi  'n  a  tosd, 
oir  is  e  Adhamh  a  chruthaicheadh  air  tits, 
agus  'n  a  dMidh  sin  Eubha.  Agus  cha 
b'e  Adhamh  a  mhealladh,  ach  air  do'n  mhnaoi 
a  bhi  air  a  mealladh,  bha  i  's  a  chionta." 
Droch  reusonachadh. 

Chan  ionghnadh  ged  bhiodh  meas  aig 
boirionnaich  air  Criosd  oir  is  esan  a  thug 
a  mach  iad  a  tigh  na  daorsa,  agus  a  dh' 
fhosgail  an  rathad  dhaibh  gu  bhi  co-ionnan 
ris  na  fir  a  thaobh  urraim  agus  sochairean 
saoghalta. 

Ach  ged  tha  briathran  sgaiteach  anns  an 
leabhar  so  mu  bhoirionnaich  tha  briathran 
moltach  ann  mar  an  ceudna  ;  ma  tha  droch 
bhean  dona,  tha  e  ag  radii,  tha  bean  mhaith 


maith  agus  ro -mhaith.  Mar  is  trice  is 
ann  mu  mhnathan  posda  a  tha  e  a'  bruidhinn, 
ach  air  uairean  is  ann  mu  "  nigheanan." 

"  Na  toir  t'  anam  do  bhoirionnach  ; 
tionndaidh  do  shuil  air  falbh  o  bhoirionnach 
bdidheach,  oir  chuir  bdidhchead  bhan  moran 
air  seachran." 

Theagamh  gu'n  do  chuir,  ach  air  a  shon 
sin  bu  duine  gun  ttir  a  thaghadh  bean  ghr^nda 
air  thoiseach  air  te  bhoidheach.  Faodaidh 
nach  'eil  boidhchead  a'  dol  na's  doimhne 
na'n  craicionn,  ach  tha  sin  domhain  gu 
leoir,  oir  chan  fhaic  an  t-stiil  fo'n  ehraicionn. 
Tha  e  fior  gur  fearr  a  bhi  maith  na  bhi 
boidheaeh,  ach  faodaidh  an  da  rud  a  bhi 
comhla,  agus  chan  'eil  urras  air  bith  nach 
faod  te  ghranda  a  bhi  cho  crosda  ri  te 
bhoidheach. 

Tha  truas  aige  ri  aithrichean  aig  a  bheil 
nigheanan  a  chionn  gu  bheil  iad  'n  an  ciiram 
dha  gus  am  faigh  e  thar  a  lamhan  iad. 
Faodaidh  iad  a  naire  a  thoirt  as,  no  faodaidh 
iad  fear  a  phosadh  anns  nach  'eil  tlachd 
aige,  air  neo  faodaidh  iad  laighe  air  a  lamhan, 
rud  as  miosa  air  fad. 

Bheir  curam  do  nigheanan  cadal  na  h- 
oidhche  bhuait,  agus  feumaidh  tu  do  shicil  a 
chumail  gun  sgur  air  nighean  a  tha  laidir 
anns  a'  cheann,  air  eagal  gti'n  toir  i  diilain 
dhuit  ma  gheibh  i  a  toil  fhein. 


DUTHAICH   PHALAESTIN 


Mar  is  trice  is  ami  mu  mhnathan  posda 
a  tha  e  a'  bruidhinn,  agus  is  e  so  an  seorsa 
ris  an  abradh  e  "  droch  bhean,"  te  a  bhios 
a'  gabhail  na  daoraich,  te  aig  a  bheil  droch 
theanga,  no  te  nach  toir  an  aire  do'n  tigh. 
no  do'n  chloinn. 

Is  tiodhlac  maith  o  Dhia  bean  thosdach. 

Tha  e  anabarrach  trom  air  mnathan  a 
bhios  ag  iadach  ris  na  fir,  no  amharusach 
ma  chi  iad  iad  a'  bruidhinn  ri  boirionnach 
eile,  ach  tha  e  a  cheart  cho  trom  air  fir  a 
bhios  ag  iadach  ri  'm  mnathan.  Chan  'eil 
aon  lagh  aige  air  son  bhan  agus  lagh  eile  air 
son  fhear,  oir  tha  e  ag  radh  gur  e  "iadach" 
an  tuaileas  as  miosa  as  urrainn  bean  a  thogail 
air  a  fear,  agus  gur  e  "  iadach  "  a  fir  a' 
cheud  rud,  mar  is  trice,  a  chuireas  an  donas 
'n  a  mhnaoi. 

Air  an  l^imh  eile  tha  Su'ach  ag  aideachadh 
gu  saor  agus  gu  toileach  nach  'eil  rud  air 
an  t-saoghal  as  fhearr  na  bean  mhaith. 

Tha  naoi  nithean  a  ni  duine  sona  .  .  . 
is  sona  esan  aig  a  bheil  bean  thuigseach. 


Bheir  grinneas  a  mhnatha  tlachd  d'a 
fear,  agus  cuiridh  a  gliocas  aoibhneas  'n 
a  chnamhan. 

Ach  ged  bha  truas  aig  ri  braithrean  aig 
an  robh  droch  bhean  bha  barrachd  truais 
aige  riu-san  aig  nach  robh  bean  idir — 
edin  gun  nead  nach  fhearr  an  seinn  na  guileag 
thiirsach. 

Ach  ged  tha  salann  a'  ghliocais  agus  na 
geireid  air  uairean  ann  am  briathran  Shirach, 
tha  subhailceas  agus  uaisle  agus  beusalachd 
agus  banalas  ann  an  nigheanan  Eubh  nach 
b'  aithne  dha  agus  nach  b'  aithne  d'a 
dhaoine.  Sear  air  Gibraltar,  eadhon  an 
diugh  fhathast,  tha  na  beachdan  a  tha  aca 
air  boirionnaich  coltach  ri  tobar  salach  a 
thilgeas  a  nios  lathach  a,gus  mosaiche.  Ach 
ann  am  Breatunn  agus  anns  na  diithchannan 
shiar  a  ghabh  ri  solus  an  t-soisgeil  tha  urram 
agus  meas  agus  saorsa  air  an  toirt  do 
bhoirionnaich  nach  robh  aca  am  measg  nan 
ludhach  agus  nach  'eil  aca  fhathast  am 
measg  nan  Cinneach. 


An  t-Urramach  Calum  MacLeoid,  M.A. 


Thainig  sgeula  ar  cruadail 
Gu'n  do  chuir  iad  's  an  uaigh  thu, 
Leoidich  urramaich,  uasail, 

B^idheil,  cairdeil  gun  mheang. 


Tha  do  chairdean  ri  cumha^, 
'S  lionmhor  iadsan  tha  dubhach, 
Do  chorp  alainn  bhi  taisgte, 

'N  ciste  dhionach  's  a'  chill. 


Ach  b'e  deoin  an  Ard-Fhreasdail, 
Dorus  bhualadh  's  an  fheasgar, 
Ghairm  a  sheirbhiseach  teisteil. 

Gu  aros  nan  naomh. 

— Taobh-tuath  Earra-Ghaidheal. 


Duthaich  Phalaestin 


THA  beusalachd  na  h-E6rpa  a'  dol  air  ais 
go  iomadh  toiseacli,  ach  is  ann  o  thri  cath- 
raichean  ainmeil  a,  thainig  mor-chuid  na^ 
nosmhaireachd  sin,  o'n  Aithne,  o'n  Roimh; 
agus  o  Jerusalem.  Is  ann  am  Baile  na  h- 
Aithne,  am  measg  nan  Greugach,  a  fhuair- 
eadh  a'  chuid  de  ar  sibhealtachd  a  bhuineas 
do'n  aos-danachd,  dan  an  litreachxis,  dan 
nan  dealbh,  dan  a'  chiuil.  B'i  an  Aithne 
oide  na  feallsanachd.  Is  ann  rathad  na 
Roimhe  a  thainig  smachd,  rian  is  riaghailt, 
dlighe  is  lagh.  Is  ann  a  Sion  a  thainig 
slainte,  aa  soisgeul,  eolas  air  Dia.  Agus  tha 
sibhealtachd  duthchannan  na  b-Eorpa,  leis 


gach  muthadh  a  tha  eadar  tir  is  tir,  uile  fo 
fhiachaibh  trom.a  aig  na  tri  cathraichean 
sin.  Is  ann  an  Dilthaich  Phalaestin  a  tha 
Jerusalem,  duthaich  bheag  air  a  bheil 
eachdraidh  mhor.  B'i  so  "  tir  a'  gheallaidh," 
agus  chan  'eil  i  gun  ghealladh  fhathast. 

Bha  an  duthaich  so  aig  na  Cananaich  air 
tiis.  Is  e  sin  a  dh'fhag  Tir  Chanain  oirre, 
chomh -maith.  Ach  tha  eachdraidh  Chlann 
Israil  chomh  suidhichte  innte  agus  gum 
faodar  "Tir  a'  Bhiobuill  "  a  ghabhail  oirre. 
Agus  chan  ioghnadh  idir  ged  a  bhiodb  dull 
aig  sliochd  Abraham  gu  bheil  ceangal  go 
la  tha  brathch  aca  rithe. 


DUTHAICH   PHALAESTIN 


Bha  an  duthaich  bheag  so  riamh  o  linn 
eachdraidh  'na  ceart-shuidhe  eadar  cumhach- 
dan  is  rioghachdan  is  impireachdan  bu 
mhotha  na  i  fhein,  agus  is  e  cuis-smaoinich 
mhor  a  tha  ann  chomh  buan  agus  a  tha  a 
h-eachdraidh  agus  chomh  brighmhor,  buadh- 
ach  agus  a  tha  a  siolraidh.  Rinn  na  cumh- 
achdan  mora  sin  uile  ni  eigin  de  dhragh  a 
chur  oirre,  agus  bha  buaidh  a  chum  a  leas  no 
chum  a  sgrios  aca  oirre,  ach  riamh  an 
eachdraidh  Chlann  Israil  bha  beatha  is 
brigh  aice  innte  fhein  gus  mn  dheireadh  an 
tug  i  uidhir  de  bharrachd  orra  uile  agus  a 
thug  am  buachaile  bochd  Daibhidh  air  an 
righ  mhor  Sal  e  fhein.  Ach  rinn  na  mor- 
rioghachdan  uair  is  uair  a  cur  am  bruid. 
Ri  linn  Chriosd  bha  Israelich  ann  a'  deanamh 
bosd  as  an  ni  so,  nach  robh  iad-san  riamh 
an  daorsa !  De  nach  gabh  a  radh.  Aig  an 
dearbh  am  bha  facal  Impire  na  Roimhe  na 
lagh  an  lerusalem.  Co  a  leughas  an 
Tiomnadh  Nuadh  nach  lorg  ceannard-ceud ! 
Agus  bha  smachd  na  Roimhe,  gun  amharus, 
far  an  robh  am  fear  sin.  Agus  gun  tighinn- 
air  bruid  Bhabailoin  bha  a  leithid  de 
dhuine  ann  ri  Alasdair  Uaibhreach,  agus 
bha  Greugach  ann  roimhe  's  as  a  dheidh  ; 
agus  ri  linn  Chriosd  bha  a  Ghreugais  'na 
dara  cainnt  na  tire,  agus  is  e  sin  is  aobhar 
gur  ann  an  Greugais  a  sgriobhadh  an 
Tiomnadh  Nuadh  fhein  ah  tus.  Cha  b'ann 
gun  fhios  ce  mar  a  thainig  a'  chainnt  eil- 
thireach  sin  gu  bhith  an  reim !  Ach  bha 
cainnt  cridhe  is  canain  teallaich  aig  na 
h-Iudhaich  dhaibh  fein,  direach  mar  a  tha 
Gaidhlig  againne,  comhradh  de'n  mhor- 
theanga  do  am  buin  an  Arabaig  agus  an 
Eabhra.  Bha  an  comhradh  sin  aig  losa. 
Is  e  an  Aramaig  a  bha  aca. 

Chan  e  mhain  gun  robh  ixghdaras  na 
Roimhe  os  an  cionn  an  laithean  an  t- 
Slanuighear  air  thalamh  ach  thainig  an 
t-tighdaras  sin  gu  bhith  'na  thaom-dolais 
an  tiine  ghearr.  Chaidh  lerusalem  a  bhrist- 
eadh  'na  mhirean  agus  chaidh  an  teampuU 
a  leagail  gu  lar,  direach  mar  a  thuirt  losa. 
Chaidh  ar  mor  a  dheanamh  am  measg  nan 
ludhach,  agus  an  tuilleadh  ruaig  orra  as  an 
tir,  agus  cha  b'e  a  cheud  turns  e,  oir  bha  iad 
a  cheana  sgapte  air  feadh  gach  tir.  Thuirt 
fear-eachdraidh  gun  do  sheas  na  h-Iudhaich 
aig  uaghannan  gach  drong  an  eachdraidh  a 
rinn  droch  dhiol  orra,  agus  thachair  sin  do 
na  Romanaich.  Thuit  ballachan  na  h- 
Impireachd  l^idir.  Agus  air  son  nan 
Romanach  dheth  ca  bheil  iad  a  nis  ?  Ach 
dh'fhag  sin  an  Roinn-Eorpa  fad  iomadh 
ginealach  agus  a  leor  mor  de  mhi-rian  agus  de 


ghorachadh  aice  innte  fhein.  Bhruchd  na 
borbanaich  a  steach  agus  ghlac  iad  oigh- 
reachdan  is  rioghachdan  ;  agus  am  measg 
gach  ceist  bha  a'  cheist  mhor  ce  mar  a 
chuirte  suas  ballachan  leagte  na  Criosdal- 
achd  ?  Ach  dh'fhuaisgleadh  a'  cheist,  agus 
choisinn  an  soisgeul  an  Roinn-Eorpa  gu  leir 
agus  ghuidh  an  Roinn-Eorpa  an  soisgeul. 
Ach  chain  a'  Chriosdalachd  cuid  mhor  de  a 
coirichean  anns  an  Aisia  Bhig  agus  air  feadh 
na  h-Afraic.  Gheibhear  gu  ruige  an  latha 
an  diugh  beag-aireamh  an  sud  's  an  so  san 
Airde  'n  Ear  aig  a  bheil  an  soisgeul,  sluagh 
bochd,  anmhuinn  agus  an-shocrach  a  rinn 
Criosdalachd  na  h-E6rpa  fhagail  gu  maslach 
fo  chasaibh  naimhdean  a  bha  gun  bhaigh 
's  gun  ice.  B'e  am  muir-baithte  a  rinn  an 
long-bhristeadh  air  Criosdalachd  na  h -Airde 
'n  Ear  an  crabhadji  tir  agus  am  mosgladh 
mor  a  rinn  na  sloigh  Arabach  an  deigh 
dhaibh  _gabhail  ri  riaghailt  Mhuhamaid. 
Thainig  na  treubhan  sin  gu  bhith  'nan  a  on 
sluagh  "  uamhasach  fo  bhratach  "  agus 
choisinn  iad  daibh  fein  duthaich  fharsuinn 
eadar  Babailion  agus  Cuan  Atlantaig.  Rinn 
iad  sgrios  air  Criosdalachd  na  h-Afraic. 
Choisinn  iad  an  Spainn.  Thainig  iad  a 
steach  do'n  Roinn  Eorpa  o'n  taobh  an  ear 
agus  choisinn  iad  Cathair-Chonstantain  agus 
tha  i  aca  riamh  o'n  uair  sin,  agus  chi,  mhor 
nach  do  choisinn  iad  lar  na  h-Eorpa. 
B'fhurasda  dhaibh  sid  Palaestin  a  chur  fo 
chis.  Rinn  ridirean  agus  gaisgich  na  Criosda- 
lachd an  deigh-laimhe  ionnsaighean  euchdach 
a  thoirt  air  lerusalem.  a  thoirt  bhuapa  fo 
mheirg  na  croise  deirge.  Bidh  an  eachdraidh 
buan  ged  nach  robh  am  buaidh  buan. 
Ghleidh  na  Muhamadaich  Palaestin  agus 
gu  ruige  an  latha  so  againn  is  iad  na  h- 
Arabaich  le  creud  Mhuhamaid  an  seorsa  as 
lionmhoire  san  tir. 

Is  ann  fo  Impireachd  na  Tuirc'  a  bha 
Palaestin  an  uair  a  thoisich  Cogadh  a' 
Cheusair  an  1914,  agus  chaidh  an  Turcach 
comhla  ris  a'  Ghearmailteach  'nar  n-aghardh. 
Cha  robh  iochdarain  na  Tuirce  sna  diithch- 
annan  Arabach  ro  shona  dheth,  agus  le 
bhith  gealltainn  saorsa  dhaibh  agus  fein- 
riaghladh  dheargadh  orra  gus  an  do  rinn 
iad  ar-mach  an  aghaidh  na  Tuirc,  agus  bha 
lamh  aca  san  Chuairt-chatha  leis  an  tug  an 
Sineilear  Allenby  a  mach  lerusalem.  Chaidh 
muinghin  a  thoirt  do  Arabaich  Phalaestin 
an  uair  a  chuirte  amach  an  tighearna 
Turcach  gum  biodh  am  fonn  uile  leotha 
fhein.     Is  e  sin  a  bha  san  amharc  aca-san. 

{Ri  leantuinn) 


Aireamh  lo 


1946 


An  Geata  iaruinn 


Leis  an  Urramach  Tormod  Mac  Dhdtnhnuill,  B.D.,  an  Dyke. 

Agus  air  dhaibh  dol  troimh  'n  cheud  agus  an  dara  faire,  thaiiiig  iad  chum  a' 
gheata  iaruinn  a  tha  'treorachadh  do'n  dh'  bhaile,  a  dh'fhosgail  dhaibh  leis  fhein. 

— Gniomharan  nan   Ahstol  xii. 


10. 


AN  uair  a  ghlac  Herod  Peadar  agus  a  thilg 
e  's  a'  phriosan  e,  bha  duil  aige  a  chur  gu 
bas  an  deidh  na  Caisge.  Cha  robh  moran 
coltais  gu'n  robh  dol  as  aig  Peadar,  oir  bha 
e  air  a  ghleidheadh  gu  te^ruinte  anns  a' 
phriosan  a  b'fhaide  a  stigh.  Bha  e  air  a 
cheangal  ri  dithis  shaighdearan,  agus  bha 
sia  saighdearan  deug  a'  deanamh  faire  as  a 
chionn,  agus  a  thuilleadh  air  sin  bha  geata 
iaruinn  a'  glasadh  na  slighe  roimhe.  Cha 
robh  ann  ach  dochas  caol  gu'm  faigheadh 
Peadar  as.  Gidheadh  cha  do  chuir  sin  geilt 
air,  oir  tha  sinn  a'  leughadh  air  an  oidhche 
so  gu  robh  Peadar  'na  chadal  am  feadh  's 
a  bha  Herod  a'  feitheamh  gu  chur  gu  bas 
an  la'r-na-mhaireach.  Cha  do  chuir  an 
cunnart  's  an'  robh  e  luasgan  ann  am  Peadar, 
oir  bha  fios  aige  gu'n  robh  e  ann  an  lamhan 
an  Tighearna. 

Am  feadh  is  a  bha  e  'na  chadal  thainig 
aingeal  an  Tighearna  far  an  robh  e,  agus 
dh'  iarr  e  air  Peadar  a  leantuinn.  Rinn 
Peadar  sin,  agus  threoraich  an  aingeal  Peadar 
ceum  air  cheum  seachad  air  na  saighdearan, 
ach  an  sin  thainig  iad  a  chum  a'  gheata 
iaruinn  a  bha  a'  treorachadh  chum  a'  bhaile. 
Agus  faodaidh  e  bhith  gu'n  do  stad  Peadar 
air  son  tiotan,  'nuair  a  chunnaic  e  an  geata 
romhpa,  oir  ciamar  a  gheibheadh  iad 
troimhe,  oir  bha  e  glaiste  agus  duinte.  Ach" 
ma  stad  Peadar,  cha  robh  an  stad  fada  ; 
chiim  e  air  aghaidh  ann  an  creideamh,  agus 
'nuair  a  thainig  iad  a  dh'  ionnsaigh  a'  gheat 
iaruinn  dh'  fhosgail  e  dhaibh  leis  fhein,  agus 
bha  Peadar  saor. 

lomadh  trioblaid  agus  teinn 

Chan  'eil  aon  againn  nach  urrainn  a  dhol  a 
steach  ann  an  tomhas  beag  no  mor  ann  am 
faireachduin  Pheadair,  oir  bha  sinn  uile 
uaireigin  air  ar  dimadh  a  steach  ann  am 
priosan  air  chor-eigin  ;  priosan  duilghideis— 
uallach,  amhghar,  eu-dochas,  briseadh-diiil, 
teagamh,  trioblaid,  tinneas,  no  bron.  Is 
docha  gu  bheil  cuid  againn  an  diugh  's  an 


t-suidheachadh  sin,  mothachail  air  a  bhi 
air  ar  glasadh  a  stigh  le  geatachan  iaruinn 
de  'n  t-seorsa  sin  ;  cuid  air  an  slainte  a 
chall,  cuid  agus  an  neart  is  na  buadhan  a 
bha  aca  aon  uair  'g  an  dith,  cuid  an  iomguin 
mu  luchd  an  graidh,  cuid  fo  eagal  roimh 
nithean  diomhair  na  beatha,  cuid  eile  le 
mothachadh  air  an  seacharan  air  an  teannach- 
adh  le  peacadh,  cuid  eile  ann  am  priosan 
aonranachd,  do  bhrigh  is  gu  bheil  aitichean 
falamh  'n  an  dachaidhean.  Ach  tha  a 
dhoighean  iongantach  fhein  aig  Dia  air  a 
bhi  a'  fosgladh  nan  geatachan  iaruinn, 
agus  a  bhi  leigeil  nam  priosanach  fo  sgaoil. 
Air  uairean  f osglaidh  e  an  geata  iaruinn  le 
earrann  as  an  Fhirinn  a  chur  do  ar  n-ioiin- 
saigh,  earrann  a  threoraicheas  sinn  gu 
casan  Chriosd.  Uairean  eile  thainig  aingeal 
an  Tighearna  do  ar  n-ionnsaigh  an  uair  a  bha 
sinn  a'  feitheamh  air  Dia  'n  ar  seomar 
uaigneach,  no-  'n  a  thigh  fein.  Tha  an 
Salmadair  ag  innseadh  dhuinn  gur  ann 
mar  sin  a  fhuair  e  fhein  troimh  na  geatachan 
iaruinn  a  bha  'g  a  dhimadh  a  steach.  Bha 
e  a'  faicinn  an  aingidh  a'  soirbheachadh, 
feadh  is  bha  iomadh  ni  cruaidh  a'  tachairt 
ris  na  fireana.  "  Nuair,"  ars  esan,  "  a 
smuainich  mi  air  so  a  thuigsinn  bu  chruaidh 
an  gnothach  e  ann  am  shuilibh,  gus  an 
deachaidh  mi  steach  do  naomh-ionad  Dhe, 
an  sin  thuig  mi."  Dh'  fhosgail  an  geata 
iaruinn  roim.he  agus  fhuair  e  saorsa.  Tha 
fhios  aig  gach  neach  ciamar  a  rainig  saorsa 
air  anam  fein. 

Ach  ma  tha  thu  fhathast  air  do  dhunadh 
a  steach  'n  ad  phriosanach,  tha  aon  doigh 
air  a  chur  f '  ar  comhair  an  so  anns  am  faod 
an  geata  fosgladh  dhuit — ^troimh  chumhachd 
iirnuigh.  Am  feadh  's  a  bha  Peadar  a'  dol 
cho  furasda  troimh  gheatachan  a'  phriosain 
bha  an  eaglais  a'  deanamh  faire  ann  an 
urnuigh  as  a  leth.  Cha  robh  meadhon  eile 
a  b'  urrainn  daibh  a  chleachdadh  an  aghaidh 
Herod  ach  so,  agus  fhuair  iad  a  mach  gu 
robh  cumhachd  air  an  cul  na  bu  treasa  na 
Herod  le  fheachdan. 


AN  GEATA  lARUlNN 


An  c^s  cruaidh 

An  1940  an  uair  a  bha  an  t-arm  Breatun- 
nach  air  a  dhunadh  a  stigh  an  Dunkirk, 
ghairm  an  righ  an  rioghachd  gu  iirnuigh, 
Is  de  a  thachair  an  t-seachduinn  sin,  corr  is 
tri  cheud  mile  saighdeir  Breatannach,  a  bha 
an  cunnart  a  bhi  air  an  sgrios  leis  na  Gear- 
mailtaich  aig  Dunkirk,  a  shaoradh.  Chaidh 
iad  as  arm  am  briathran  am  t-Salmadair 
mar  eun  a  ribe  an  eunadair,  agus  co  a  ghabh- 
abh  air  fhein  a  radh  nach  e  urnuighean  na 
rioghachd  a  shabhail  an  t-arm. 

Ma  tha  thu  ag  r^dh,  de  a  ni  m'  iirnuighean 
beaga  bochda-sa  ?  Tha  aon  ni  a  ni  iad  co 
dhuibh  ;  cumaidh  iad  ann  an  co-chomunn 
ri  Dia  thu,  agus  an  ceangal  ri  a  ghras,  agus 
bheir  sin  thu  troimh  gheata  iaruinn  air  bith. 

A  thuilleadh  air  sin  faodaidh  gu  'n  doirt 
iad  ola  air  liidagain  a  tha  air  meirgeadh  los 
gu  bheil  an  geata  iaruinn  a'  fosgladh  na  's 
fhasa  do  neach  air  chor-eigin  eile.  Tha 
aon  ni  cinnteach,  gus  an  tig  daoine  gu  bhi 
a'  lubadh  an  gluin  do  'n  Tighearna  chan 
fhosgail  na  geata  chan  iaruinn  a  tha  'g 
an  teannachadh  agus  'g  an  glasadh  a  stigh. 

Ni  eile  a  tha  ri  fhaicinn  anns  an  earrann 
so.  'Nuair  a  thainig  Peadar  aghaidh  ris 
a'  gheata  iaruinn  cha  d'  thuirt  e,  chan  'eil 
e  gu  feum  a  dhol  na  's  fhaide.  Ma  thuirt 
Peadar  ni  sam  bith  ris  fhein  thuirt  e,  gu 
ruige  so  chuidich  an  Tighearna  mi,  agus 
is  e  an  aon  Dia  a  tha  agam  fhathast,  theid 
mi  air  m'  aghaidh  ag  earbsadh  ris. 

Creideamh 

Chan  e  mhain  gu  bheil  feum  againn  air 
iirnuigh  fa  chomhair  nan  geatachan  iaruinn, 
ach  tha  feum  againn  mar  an  ceudna  air 
creideamh.  Anns  an  t-Seann  Tiomnadh 
tha  sinn  a'  leughadh  gu  'n  do  threoraich 
Dia  clann  Israel  a  mach  as  an  Eiphit.  An 
deidh  an  saoradh  bho  bhraighdeanas,  is 
bho  na  plaighean  bha  iad  a'  smaoineachadh 
gu  'n  robh  iad  ceart  gu  leor  tuilleadh.  Ach 
an  sin  thainig  iad  aghaidh  ri  aghaidh  ris 
a'  gheata  iaruinn.  Bha  na  naimhdean  air 
an  toir,  is  romhpa  bha  am  Muir  Ruadh. 
Ciamar  a  gheibheadh  iad  thairis  air  an 
duilghideas  sin.  Bha  Israel  'n  an  eigin, 
is  thoisich  iad  air  iirnuigh.  Car  son,  arsa 
Dia  ri  Maois,  a  tha  thu  a'  glaodhach  riumsa, 
abair  ri  clann  Israel  a  dhol  air  an  aghaidh. 
Aig  a'  cheart  am  ud  is  e  am  feum  bu  mhotha, 
creideamh  ann  an  Dia.  Air  aghaidh !  Dh' 
fhaodadh  iad  a  radh  cionnus  is  urrainn 
duinn  a  dhol  air  ar  n-aghaidh.  A  bheil 
thu  faicinn  de  a  tha  romhainn  ?     An  ann 


as  do  chiall  a  tha  thu  ?  Ach  an  uair  a  gheill 
iad  do  aithne  an  Tighearna,  dh'  fhosgail  a' 
mhuir  romhpa.  Chi  sinn  iad  a'  dol  air  an 
aghaidh  a  reir  focal  is  aithne  an  Tighearna, 
agus  thug  iad  buaidh  air  an  duilghideas  a 
bha  rompa.  "  Tre  chreideamh,"  arsa  an 
sgriobhaiche  chum  nan  Eabhruidheach, 
"  chaidh  iad  tre  'n  mhuir  ruaidh." 

"  Co  a  charaicheas  a'  chlach,"  arsa  aon 
de  na  mnathan  air  an  rathad  a  chum  na 
h-uaighe  air  maduinn  na  h-aiseirigh,  "  tha 
cho  math  dhuinn  tiUeadh  dhachaidh."  Ach 
chaidh  iad  air  an  aghaidh,  agus  nuair  a 
rainig  iad  blia  a'  chlach  air  a  gluasad  bho 
dhorus  na  h-uaighe. 

Gr^s  agus  neart 

Gl^  thric,  a  dh'  aindeoin  iirnuigh  is  a  dh' 
aindeoin  creideamh,  chan  'eil  an  duilghideas 
air  a  thoirt  air  falbh.  Ach  air  a  shon  sin 
tha  an  geata  air  fhosgladh  ann  an  seagh 
eile,  tha  gras  is  neart  air  a  thoirt  seachad 
air  son  buaidh  fhaotainn  thairis  air  an 
duilghideas.  Bha  a  gheata  iaruinn  fhein 
aig  Pol,  is  e  an  t-ainm  a  thug  e  air  "spealg 
's  an  fheoil."  Ged  a  ghuidh  e  air  Dia  gu  'n 
toireadh  e  air  falbh  e,  cha  d'  fhuair  e  freagairt 
anns  an  doigh  a  bha  diiil  aige.  Gidheadh 
dh'  fhosgail  an  geata  iaruinn  dha  's  an  t- 
seadh  so,  fhuair  e  fiosrachadh  gu'  m  bu 
leor  gras  Dhe  air  a  shon,  Anns  na  nithean 
sin  uile  bha  e  a'  toirt  buaidh,  seadh  tuilleadh 
is  buaidh,  tridsan  a  ghrMhaich  e,  agus  a 
thug  E  fein  air  a  shon. 

Tha  so  f  ior  mar  an  ceudna  mu  dheidhinn 
a'  gheata  iaruinn  mu  dheireadh  a  tha 
seasamh  romham-sa  is  romhad-sa.  Math 
dh'  fheudte  gu  bheil  an  geata  so  a'  cur 
eagail  is  geilt  air  do  chridhe.  Ach  ma  tha 
creideamh  agad  ann  an  Dia  cha  leig  thu 
leas  eagal  a  bhi  ort,  oir  tha  e  ag  radh,  "  na 
biodh  eagal  ort ;  feuch  tha  mise  maille  riut." 
Bha  Mghr  Eagalach  ann  an  Turns  a'  Chrios- 
duidh  Ikn  eagail  nach  faigheadh  e  thairis 
nuair  a  thigeadh  e  dh'  ionnsaigh  na  h- 
Aibhne.  Ach  'nuair  a  thainig  e  an  sin  bha 
an  Abhainn  cho  iosal  is  gu  'n  deachaidh  e 
thairis  gun  dad  a  bharrachd  air  buinn  a 
chasan  am  bogadh.  Is  ann  mar  sin  a 
thachras  ris  a'  Chriosduidh  nuair  a  thig  e 
dh'  ionnsaigh  a'  gheata  iaruinn  a  tha 
treorachadh  chum  a'  bhaile  neamhaidh, 
fosglaidh  e  dha  leis  fhein.  Agus  air  dha 
sraid  a'  bhaile  a  ruighinn  their  e  maille  ri 
Peadar,  "  a  nis  tha  fhios  agam  gu  firinneach 
gu  'n  do  chuir  an  Tighearna  aingeal  uaith, 
is  gun  do  shaor  e  mi." 


Duthaich  Phalaestin 


Leis  an  Urramach  Galum  MacQilleathain,  M.A. 
{air  a  leantuinn) 


Ach  ri  linn  a'  chogaidh  cheudna  bha  feum 
air  na  h-Iudhaich.  Cha  deanar  cogadh  gun 
airgead,  agus  cha  deanar  airgead-cogaidh  a 
thrusadh  guji  cuimJine  dheanamh  air  na  h- 
ludhaich  agus  gun  taghal  aca.  Dh'iarradh 
cobhair  air  na  h-Iudhaich  agus  rinn  na 
daoine  gleusda  sin  bargan,*  gun  tugadh  iad 
gach  cobhair  a  b'urrainn  iad  nan  geal- 
ladh  Breatainn  gum  biodh  "  Dachaidh  " 
aig  na  h-Iudhaich  an  deidh  a'  chogaidh  am 
Palaestin.  Bha  dream  eudmhor  nam  measg 
air  an  robh  na  Sionaich  aig  an  robh  an 
rim  so  mar  am  priomh-dhicheall  gum  faigh- 
eadh  na  h-Iudhaich,  aon  uair  eile,  Tir  a' 
gheallaidh  dhaibh  fein.  Fhuair  iad  an 
gealladh,  agus  bu  ghealladh  a  leth !'  Bha 
fear  air  an  Teairbeart  sna  Hearadh  a  reic 
trosg  ri  dithis,  an  aon  latha,  agus  rinn  e 
crois!'  Ma  ta,  rinn  Breatainn  Mhor  i  fhein 
crois  nach  beag,  oir  tha  nis  an  dilthaich  so, 
Palaestin,  air  a  lamhan  agus  da  chinneach 
innte  agus  gach  aon  aca  lan-chinnteach  gur 
h-ann  leotha  fhein  a  tha  an  tir.  Sin  ni 
nach  'eil  furasda  a  dheanamh,  dithis  nach 
taobh  a  cheile  a  chumail  reidh  mu'n  aon 
cathair.  Chan  'eil  ann  ach  aon  chreathail 
agus  tha  naoidheanan  air  fas  nam  balaich 
chomh  mor  agus  nach  cum  i  sona  le  cheile 
iad ! 

Daoine  deanadach 

Eadar  1918  agus  so  fhein  th^  imrich  aig 
na  h-Iudhaich  'ga  deanamh  gu  Palaestin. 
Tha  iad  a'  deanamh  gu  maith  ann.  Is  mor 
an  t-atharrachadh  a  thainig  orra  fhein  innte, 
agus,  is  mor  am  piseach  a  thug  iad  fhein 
oirre.  Thog  iad  tighean  snasail  agus  bail- 
tean  iira,  agus  chuir  iad  lorg  air  gach 
meadhon  coitchionn  a  tha  aig  an  t-saoghal 
Eorpach,  no  aig  an  Domhain  Shiar,  air 
ctiisean  a  leasachadh.  Chaidii  iad  ri  tiath- 
anachas  is  ri  malairt,  ri  eilain  is  ri  ceaird, 
ri  sgoil  is  ri  foghlum,  ri  ionnsachadh  is  ri 
innealtaireachd  air  chor  agus  gu  bheil 
Palaestin  an  nis  'na  dhuthaich  eile  aca. 
Tha  bailtean  lira  mar  a  tha  Tel  Abhibh 
agus  Haifa  mor  agus  maiseach.  Tha  an 
t-sibhealtachd  Eorpach  a  nis  air  a  steidh- 
eachadh  gu  maith  laidir  annta.  Air  ttis  cha  do 
chuir  na  h-Arabaich  cus  umhail  orra.    Thug 

(*  Ged  tha  am  fear-deasachaidh  a  leigeil 
leis  an  fhacal  so  seasamh,  chan  'eil  e  a' 
creidsinn  gu'n  do  rinn  Breatunn  bargain 
de  'n  t-seorsa  ris  na  h-Iudliaich.) 


iad  airgead  do'n  dtithaich  is  cosnadh  is 
comhnadh  is  leasachadh  de  iomadh  seorsa. 
Thug  iad  prisean  a  bha  na  h-Arabaich  a 
meas  mor  air  fearainn  as  nach  robh  iad 
fhein  a'  toirt  moran  maith  agus  gun  iad  ach 
aig  ire  cois-chruim.  An  uair  a  chunnaic 
iad  mar  a  thug  na  h-Iudhaich  na  fearainn 
gu  rathad  agus  gun  tainig  ' '  am  f asach  f o 
bhlath  mar  an  ros,"  agus  buanachd  mhaith 
aig  na  h-Iudhaich  a  measan,  thuig  iad  an 
call.  Agus  cha  robh  ann  ach  an  t-iasg  bu 
lugha  dheanamh  mar  a  b'fhearr  a  rachadh 
aige  air.  Thoisich  am  farmad  is  am  buair- 
eadh,  agus  tha  an  da  sheorsa  riamh  o'n 
uair  sin  an  rim  nam  biodag  do  chach  a  cheile. 

Ged  nach  'eil  Arabaich  Phalaestin  ro 
chomasach  air  an  saoghal  a  chur  fo  cheannsal 
(tha  iad  tapaidh  ach  chan  'eil  eolas  no 
innleachdan  aca)  is  fheudar  duinn  fhios  a 
bhith  agaiiin  gu  bheil  an  saoghal  Muhamad- 
ach  air  an  ciil.  Tha  loslam  mor  agus  cha 
choir  do  dhaoine  corraich  gun  aobhar  a  chur 
air.  Tha  loslam,  no  muinntir  Mhuhamaid, 
am  measg  iomadh  seorsa  dhaoine,  ach  is 
ann  d^  a  bhuineas  an  t-Arabach  anns  gach 
aite  agus  tha  mar  sin  neart  aca  eadar 
Babailion  agus  Cuan  Atlantaig  de  aon 
aidmheil  agus  le  aon  teanga,  an  Arabaig. 
Tha  luchd-leanmhainn  Mhuhamaid  IMdir  san 
Impireachd  againne  gu  h-araid  thall  an  Ind. 
Tha,  a  ris,  diithchannan  saora  aca  mar  a 
tha  lorag  agus  an  Eiphit  ged  a  tha  iad  sin 
fein  am  bannaibh  againne.  Agus  do  bhrigh 
agus  gu  bheil  seol  aig  muinntir  eile  air  gach 
roinn  aca  bhrosnachadh  nar  n-aghaidh 
buinidh  e  dhuinn  a  bhith  curamach,  cionda. 

Sgiiob  liath  an  Eanaich 

Gun  ta,  tha  na  h-Iudhaich  bhochda  'nan 
eiginn  agus  tha  iad  'nam  fior  chulaidh- 
thruais.  Gha  b'e  Muhamad  'na  aonar  aig  an 
robh  creud  is  crabhadh  iir.  Bha  sin  aig  na 
Nasaich  iad  fhein,  agus  so  aon  cheann  deth, 
"  Sgriosamaid  na  h-Iudhaich."  Rinn  iad 
oidhirp  chronail  air  sin  a  dheanamh.  Mhill 
an  cogadh  m6ran  ach  is  iad  na  h-Iudhaich  a 
chaidh  a  liodairt  builleach.  Thainig  "  sgriob 
liath  an  Earraich  "  orra  anns  gach  4ite  san 
d'  fhuair  N^sachd  greum  orra.  Chaidh  mu 
5,000,000  aca  chur  gu  b4s  gun  trocair,  urrad 
's  a  tha  dhaoine  an  Albainn  o'n  bheag  chon 
a'  mhor.  Naraich  na  Gearmailtich  an  stoc 
as  an  robh  iad  a'  deanamh  uaill  (agus  de 


ANNS  A'  CHATHAIR 


an  do  rinn  iad  dia)  na  Nordaich,  no  fior- 
dhaoine  geala  na  h-Eorpa,  leis  aii  an- 
cneasdalachd  agus  leis  a  bhuirbe  leis  an  do 
phronn  iad  na  h-Iudhaich  gun  chridhe  gun 
ioc.  Fhuair  an  saoghal  taisbeanadh  air  de 
nidh  duine  geal  gun  Chriosd — if  rinn  air 
thalamh.  Bha  an  gniomharan  cho  borb 
agus  gu  bheil  iad  duilieh  an  creidsinn.  Tha 
e  do-chreidsinn  do  dhaoine  gun  truailleadh 
gun  t&inig  a  leithid  de  olc  an  cridheachan 
dhaoine.  Ach  thainig.  Mbill  iad  na  h- 
ludhaich  leis  gach  milleadh  a  ruigeadh  air 
corp  is  inntinn;  agus  an  uair  nach  b'  urrainn 
iad  an  corr  a  thoirt  asda  chuir  iad  gu  bas 
iad,  mar  gun  deanadh  iad  air  na  rodain. 

Tha  an  cinneach  millte  so  ag  asluchadh 
air  an  t- saoghal  aon  chomraich  fhagail  aca, 
Palaestin.  Is  cruaidh  an  cridhe  nach  iarradh 
fasgadh  fhaotainn  dhaibh.  Tha  iad  a'  sior- 
bhrughadh  a  steach  do'n  tir  a'  teachd  as 
a'  Ghearmailt,  a  Polainn,  a  Astria,  as  an 
Ruis,  a  Danmarc,  as  a'  Bheilg,  as  an  Olaind, 
a3  an  Fhraing,  a  Seice-Slabhachd,  a  lugo- 
Slabhachd,  as  an  Eiphit,  as  an  Eadailt,  as 
an  Rumainn,  as  a'  Bhulgaireachd  agus  a 
Sasuinn.  Diobaraich  is  fogaraich  is  fuidheal 
na  h-E6rpa !  Ach  stad  ort.  Tba  canain 
is  eolbs  is  oilean  is  oideas  gach  naision  aca. 
Chan  'eil  tir  bheag  san  domhain  uile  sa' 
bheil  a  leithid  de  shluagh  le  eolas  agus  le 


eud,  agus  tha  saibhreas  an  luchd-cinnidh  air 
feadh  an  t-saoghail  an  urras  orra.  Nidh  am 
measgan  so  meall  cunbhalach,  comasach  ri 
uine. 

Buan  agus  ruighinn 

Is  e  na  h-Eabhraich  a  bha  aon  uair  orra 
mar  ainm.  Is  i  an  Eabhra  an  canain  a 
bha  aca  air  tus.  Tha  iad  a  nis  a'  togail  na 
cainnt  sin  as  hr.  Chan  'eil  cainnt  san  Roinn 
Eorpa  nach  'eil  aca  (ohunnaic  rri  dithis  aig 
an  robh  deagh  Ghaidhlig  Albannach)  ach  so 
teanga  tha  gu  bhith  aca  coitchionn.  Chunnaic 
mi  iad  a'  sgriobhadh  an  cuid  litrichean  san 
Eabhra.  Chuala  mi  an  oige  a'  bruidhinn  ri 
cheile  innte.  Agus,  anns  an  Eiphit  an 
culaidh  odhar  an  airm  Breatannaich,  san 
treinne  chuala  mi  gillean  is  nigheanan  a' 
gabhail  nan  oran  innte  a  cheart  chomh 
laghach,  saor  agus  a  chuala  mi  gillean  is 
nigheanan  Leodhais  a'  seinn  eadar  an  Caol 
agus  Inbhir-Pheofharain.  Agus  tha  mo 
bheannachd  aca  le  cheile  ! 

Tha  e  air  aithris  gun  do  chuir  neach  ceist 
air  Napoleon,  "  de  an  dearbhadh  a  bha  aige 
gun  robh  am  Biobull  fior,"  agus  g.un  do 
fhreagair  e  gun  robh  "  na  h-Iudhaich  a 
bhith  buan  !  "  Buan,  abair  a  bhith  ruighinn 
buan.  Agus  tha  fios  aig  a  Chruthaidhear 
car  son.  Agus  bidh  fhios  aig  an  t-saoghal 
uile  air  fhathast. 


Anns  a'  Chathair 


THA  iomadh  sgir  agus  Manse  an  Albainn 
a  bha  air  an  deanamh  ainmeil  leis  na  minis- 
tearan  a  bha  annta,  ach  chan  'eil  ach  aon 
sgir  agus  aon  Mhanse  a  bha  air  a  dheanamh 
ainmeil  le  bean  a'  mhinisteir,  sgir  agus 
Manse  an  Lagain,  am  Baideanach. 

An  uair  a  thug  an  t-Urramach  Seumas 
Grannd  dhachaidh  Anna  Nic-a-Bhiocair  mar 
mhnaoi  an  1779  thug  e  dhachaidh  companach 
a  dh'  ioc  maith  dha  re  uile  laithean  a 
bheatha,  agus  a  thug .  barr  air  uile 
mhnathan  na  Cleire.  Ma  bu  mhaith  leat 
a  Ian  chliu  a  chluinntinn  chan  'eil  agad  ach  a' 
chaibideal  mu  dheireadh  de  Leabhar  nan 
Gnath-fhacal  a  leughadh,  far  a  bheil  a  dealbh 
air  a  tharruing  cho  cothromach  's  gu'n 
saoUeadh  tu  gur  ann  uimpe  a  bha  na  briath- 
ran  ud  air  an  sgriobhadh. 

larraidh  i  olannagus  lion,  agus  oibrichidh 
i  gu  toileach  le  a  lamhan  .  .  .  eiridh  i  mar 
an  ceudna  an  uair  is  i  an  oidhche  a  tha 
fathast  ann,  agus  bheir  i  Idn  d'  a  teaghlach  ; 
agus  cuibhrionn  d'a  maighdeanaibh. 
Taobh  ri  taobh  ris  na  briathran  sin  cuiridh 
mi  sios  air  an  duilleig  so  litir  a  bha  air  a 


sgriobhadh  le  Mrs  Grannd  gu  ban-charaid' 
ag  innseadh  dhi  mar  bha  a  laithean  a'  dol 
seachad  ann  am  Manse  an  Lagain. 

"  Na'm  b'e  aon  rud  a  bha'ri  dheanamh 
dh'  fhaodainn  suidhe  uair-eigin,  ach  tha 
fichead  rud  a  dh'  fheumas  mi  smuaineach- 
adh  air  agus  a  dheanamh  o  mhoch  gu 
dubh.  Te  air  bith  a  tha  air  son  a  bhi 
'n  a  bean-tighe  mhaith  dh'  fheumadh  i  gach 
rud  eile  a  leigeil  seachad  ach  sin  fhein, 
agus  gun  dad  eile  a  bhi  air  a  h-aire  ach 
biadh  agus  aodach  agus  slainte  a  teach- 
laich. 

Tha  a'  chuid  as  motha  de  bheoshlaint  a' 
Mhanse  a'  tighinn  as  a'  ghliob,  ach  far 
a  bheil  obair  tha  seirbhisich,  agus  far  a 
bheil  seirbhisich  tha  dragh  is  riaghladh. 

Anns  a'  chearn  so  de'n  diithaich  bha 
an  t-saighdearachd  cho  diithchasach 
dhaibh  's  nach  fhiach  leis  na  fir  an  lamhan 
a  shalachadh  le  obair.  Eadar  uabhar 
agus  leisg  cha  chuir  iad  lamh  ann  an  car 
mur  toir  iad  greis  a'  treabhadh,  oir  tha 
iad  an  dull  gur  ann  do  bhoirionnaich  a 
bhuineas    biathadh    bheathaichean    agus 


ANNS  A'  CHATHAIR 


gach  obair  shalach  mu  thigheaii  no  niu 
bhathaichean.  Tapaid  agus  sealgaireachd, 
bardachd  agus  ceol — ^sin  obair  nam  fear, 
agus  a  bhi  'g  an  grianadh  fhein  anns  a' 
ghrein ! 

Tha  an  crodh  daonnan  air  churam  nam 
ban,  agus  gu  sonruichte  anns  an  t-samh- 
radh  an  uair  a  chuirear  a  mach  iad  air 
an  airigh. 

Is  e  bean-an-tighe  a  dh'  fheumas  ceann 
a  chur  anns  a  h-uile  gnothuch,  a  bhiadh 
a  chur  a  dh'  ionnsuidh  a'  chiobair  ann  an 
aon  ghleann,  agus  biadh  is  cuinneagan  is 
measraichean  a  chur  a  dh'  ionnsuidh  na 
banaraich  ann  an  gleann  eile,  air  chor 
agus  nach  'eil  i  'n  a  tamh  aon  mhionaid. 

An  diugh  fhein  thainig  Domhnull  leis 
an  each  aig  ceithir  uairean  agus  an  t-im 
agus  an  caise  agvis  am  bainne  aige  ann  an 
cleibh  air  muin  an  eich,  agus  an  anail  's 
an  uchd  aige  ag .  innseadh  dhomh  gu  'n 
do  rug  a  mhuc,  agus  gu  robh  dusan 
uircean  aice,  agus  gu  'm  feumainn  biadh 
a  thoirt  dha  a  bheireadh  e  dhi.  Bha 
plaide  a  dhith  air  cuideachd  air  son  na 
cloinne,  brat  air  a  shon  fhein,  cuinneag,  da 
mhias,  agus  spainn  ;  da  chloich  de  mhin, 
salann,  agus  da  phunnd  de  lin.  Bha 
agam  ris  na  goireasan  so  fhaotainn  dha 
an  taobh  a  stigh  a  dh'  uair  an  uaireadair, 
agus  m'an  gann  a  dh'  fhalbh  e  air  ais, 
thainig  an  ciobair  a  dh'  iarraidh  tearr, 
agus  min,  agus  siosaran-chaorach,  agus 
boirionnaich  a  rachadh  comhla  ris  do  'n 
mhonadh  a  lomadh  nan  caorach.  Tha 
na  h-eich  aige  air  a'  mhonadh  comhla 
ris  na  caoraich,  agus  -bha  sunnd  ana- 
barrach  air  ag  innseadh  dhomh  gu  bheil 
searrach  aig  an  lair  dhuibh  ach  gu  bheil 
i  cho  bochd  's  gu'm  feum  sinn  a  toirt 
dhachaidh  agus  a  cur  air  feixrach  as 
fhearr. 

Cho  luath  's  a  fhuair  mi  Domhnull  agus 
an  ciobair  air  falbh  leis  na  bha  dhith  orra, 
b'  fheudar  dhomh  luim  a  chur  air  biadh 
do  na  daoine  a  thainig  'g  ar  cuideachadh' 
a  ghearradh  connaidh  anns  a'  Choille- 
dharaich.  Tha  iad  ri  bhi  innte  da  latha 
agus  feumaidh  iad  aran  agus  caise  agus 
leann  a  bhi  air  a  chur  thuca. 

A  thuilleadh  air  a'  chabhaig  so  bha 
agam  ri  biadh  an  tcaghlaich  a  chur  air 
doigh,  cuideachadh  le  Seonaid  snath  a 
thachras,  agus  bascaid  dheth  a  chur  a 
dh'ionnsuidh  an  fhigheadair.  Ach  cha 
ruig  thu  leas,  a  bhan-charaid  ghaolaich, 
truas  air  bith  a  bhi  agad  rium  oir  tha 
solas  agus  toil-inntinn  an  cois  gach  latha 
'n  am  bheatha." 


An  duthaich  agus  na  daoine 

A  bheil  fhios  gu  de  a  bhiodh  an  t-Urramach 
Mghr  Grannd  fhein  a'  deanamh  an  uair  a- 
bhiodh  a  bhean  'n  a  cabhaig  ?  Tha-  fhios 
air  sin  cuideachd  ;  bhiodh  e  a'  spaisdearachd 
aig  ceann  an  tighe,  a'  call  fhaidhidinn  nach 
robh  i  a'  tighinn,  agus  diiil  aige  gu'n  gabhadh 
iad  sraid  comhla  ris  ri  taobh  na  h-aibhne  o  na 
bha  an  latha  cho  maith.  Nach  coltach  sin 
ris  na  fir !  -  Tha  diiil  aca  nach  'eil  dad  aig 
na  mnathan  ri  dheanamh. 

Cha  robh  an  tigh  anns  an  do  chuir  Mrs. 
Grannd  seachad  a  chuid  a  b'fhearr  d'a 
beatha  cho  riomhach  ri  Mansaichean  na 
h-Alba  an  diugh,  ach  mur  robh  an  tigh-tugha 
mor,  bha  e  blath  agus  seasgar,  agus  furasda 
sgonn  iir  a  chur  ris  mar  bha  an  teaghlach  a' 
fas.  Ged  thubhairt  mi  gu  robh  iad  a' 
faotainn  cuid  mhaith  d'am  beoshlaint  as 
a'  ghliob,  chan  ann  air  a'  ghliob  a  bha  iad 
idir,  ach  air  baile-fearainn  a  ghabh  iad  air 
mhal,  Gaisg-beag,  a  bha  na  bu  fhreag- 
arraiche  do'n  mhinistear  agus  do'n  t-sluagh 
na  Ceann-Loch-Lagain,  far  an  robh  an  t- 
seana  ghliob,  a  bha  air  a  suidheachadh  air 
croitearan  agus   coitearan. 

Gus  an  do  thoisich  an  cogadh  an  1939 
bhithinn  a'  dol  uair  no  dha  a  h-uile  samh- 
radh  o  Bhlar  gu  Loch-Lagain,  troimh 
mhonaidhean  farsuing  fraoich  cho  briagha 
's  a  chi  do  shiiil  an  aite  air  bith  a  dh'  Albainri  ; 
suas  seachad  Dail-chuinnidh,  a  null  gu 
Caitleag  far  am  faic  thu  air  a'  mhonadh  os 
a  chionn  sealladh  air  beanntan  Bhaideanach 
a  bheir  air  do  chridhe  leum  le  aoibhneas, 
an  sin  seachad  Druim-ghaisg,  Dail-chiiilidh, 
;agus  Srath-mathaisidh,  gu  Loch-Lagain, 
far  am  faod  thu  suidhe  ri  taobh  an  locha  an 
sealladh  a'  Bhinnein,  ag  radh  riut  fhein. 

Cia   gldrmhor   t-oibre-sa   gu   leir! 
Cia  treun  thu  fein  an  neart. 

Air  na  sgrioban  sin  bithidh  e  air  uairean 
a  tighinn  'n  am  inntinn  gu'm  biodh  e  gle 
thaitneach  bliadhna  a  chur  seachad  am 
measg  nan  daoine  a  bha  ann  an  sgir  Lagain, 
an  uair  a  bha  Mrs  Grannd  innte,  uaislean 
agus  luchd-fearainn  agus  oifigich-airm  ann 
an  dusan  tigh,  agus  sgaoth  de  dhaimhich 
a  bu  bhochda  na  iad  fhein  mu'n  cuairt  gach 
aoin  dhiubh,  agus  iad  'n  an  saoghal  beag 
dhaibh  fhein,  gun  mhoran  eolais  no  uidh 
aca  anns  an  t-saoghal  eile  mu'm  biodh  an 
t-Urramach  Seumas  Grannd  a'  labhairt 
riu. 

Ged  nach  saoileadh  tu  gu'n  gabhadh  an 
seorsa  dhaoine  ud  gu  toileach  ri  leithid  Mrs 
Grannd,  bean-uasal  aig  an  robh  sgoil  agus 
eolas  agus  modhanna  na  b'fhearr  na  bha 
aeasan,  bha  i  gu  nadurra  cho  grinn  agus  cho 


6 


SLUAGH  D'  AM  B'  AITHNE  DIA 


laghach,  cho  tuigseach  agus  cho  abhachdach, 
's  gu'n  d'fhosgail  iad  an  cridheachan  agus 
an  dorsan  dhi  a  dh'  aon  ruith,  agus  aig 
na  pearrtis  a  bhiodh  aca  cha  robh  fear  no 
te  eile  a  dheantadh  am  beatha  air  thoiseach 
air  bean  a'  mhinisteir. 

Bha  ealadhain  anabarrach  aice  air  sgriobh- 
adh,  a  thuilleadh  air  a  bhi  'n  a  bana-bhard, 
agus  cha  mhor  leabhraichean  a  bha  air 
an  sgriobhadh  anns  an  ochdamh  linn  deug 
as  taitniche  'g  an  leughadh  an  diugh  fhathast 
na  Litrich  ean  o  na  beanntan  a  sgriobh  i  an  uair 
a  gheibheadh  i  cothrom  am  measg  driop 
gach  la  air  suidhe  a  sgriobhadh  litreach  gu 
aon  d'a   cairdean. 

Pdsadh  an  t-Siorraim 

So  an  litir  a  sgriobh  i  an  uair  a  phos  an 
Siorram.  Cha  b'e  aon  de  mhaithean  an 
lagha  a  bha  anns  an  t-Siorram  ach  treabh 
aiche  d'am  b'ainm  Alasdair  Ceannaideach 
a  bha  aca  seachd  bliadhna,  seirbhiseach 
dileas,  agus  duine  glic  curamach  grunndail 
's  gu'n  d'thug  na  coimhearsnaich  an  t-ainm 
"  Siorram "  air  mar  fhar-ainm.  Bha  an 
te  a  phos  e  ochd  bliadhna  'n  a  searbhanta 
anns  a'  Mhanse,  agus  chuir  bean  a'  mhinisteir 
roimhpe  gu'm  biodh  banais  aca  a  b'fhiach 
banais  a  radh  rithe.     Bha  sin  aca. 

Ged  bha  fear-na-bainnse  cho  coimhlionta 
's  nach  leigeadh  e  am  bonn-a-sia  as  a  laimh 
gun  a  thionndadh  tri  uairean  gu  gaolach  air 
a  bhois,  bha  e  gu  maith  air  a  dhoigh,  agus  bha 
ceithir  muilt  reamhar  air  am  marbhadh  air 
son  na  bainnse. 

"  La  roimh  'n  bhanais  bha  pearrti  mhor 
againn  air  son  nan  seirbhiseach  agus  daimhich 
is  caidrean  bean-na-bainnse,  dannsadh  fad 
na  h-oidhche,  agus  a  cheart  chuideachd  aig 
an  dinnear  an  ath  latha.  A  thuilleadh  air 
na  ceithir  muilt  bha  sithionn  againn,  gu 
leoir  de  chearcan,  mart-fheoil  roiste,  fead- 


agan  agus  cearca-fraoich.  Shuidh  corr  agus 
ceud  pearsa  aig  na  biiird  anns  an  t-sabhall 
mhor,  am  Ministear  agus  Caiptean  DomhnuU ; 
maithean  nam  bailtean  a  tha  mu'n  cuairt 
oirnn  agus  am  mnathan  ;  piobairean,  fidh- 
learan  agus  clann;  Catriona  agus  Searlot 
agus  Donnchadh,  agus  iad  uUe  cho  ceolmhor 
sona  ris  na  h-eoin.  Cha  robh  am  ministear 
cho  sunndach  's  a  bu  mhaith  leam  ach  cha 
robh  e  'ga  fhaireachduin  fhein  gu  maith, 
agus  theagamh  gur  e  sin  a  thug  air  a  bhi 
diombach  dhiom-sa  agus  de'n  t-Siorram 
air  son  banais  cho  mor  a  dheanamh.  Ach 
cha  robh  ann  ach  rud  nach  tachair  ach 
annamh  ann  am  beatha  dhaoine,  agus  chuir 
mi  romham  gu'n  tugainn  aon  la  air  am  biodh 
cuimhne  aca  do  oigridh  na  dilthcha  agus 
do  choimhearsnaich  ghaolach  a  tha  gun 
mhoran  cothroim  air  cruas  agus  bochdainn 
am  beatha  a  dhichuimhneachadh,  ged  tha 
eompanas  agus  caidreamh  agus  aighear 
an  co-chreutairean  cho  caomh  leo  's  a  tha 
e  le  uaislean  agus  daoine  eile  a  tha  na's 
fhearr  air  an  doigh.  Ged  nach  bi  mise  mi 
fhein  a'  dannsadh  bha  mi  toilichte  a  bhi 
a'  faicinn  dhaoine  eile  agus  an  aodainn  a' 
lasadh  le  sonas  anns  an  ruidhle." 

Fhuair  Mrs  Grannd  a  cuibhrionn  fhein 
de  thrioblaidean  an  t-saoghail.  Bha  dha 
dheug  de  theaghlach  aice  ach  shiubhail 
iad  uile  roimhpe  fhein  ach  aon  mhac.  Shiubh- 
ail an  duine  aice  an  1801,  gu  maith  6g,  is 
bha  i  air  a  fagail  le  ochdnar  dhilleachdan,  lorn 
'n  a  crannchur  ach  measail  agus  ion- 
ghrMhaichte  le  moran  dhaoine.  Chuir  i 
seachad  na  bliadhnachan  mu  dheireadh  d'a 
beatha  an  Dun-eideann  far  an  robh  iomadh 
dorus  air  fhosgladh  dhi  a  steach  do  chomunn 
dhaoine  ionnsaichte  aig  an  robh  meas  oirre 
fhein  agus  air  a  bardachd  agus  air  na  leabh- 
raichean a  sgriobh  i,  urracha  mora  mar 
bha  Sir  Walter  Scott. 


Sluagh  d'  am  b'  aithne  Dia 


THUBHAIRT  am  fear  nach  maireann 
H.  G.  Wells,  a  shiubhail  o  chionn  ghoirid, 
nach  robh  e  ceart  a  bhi  a'  teagasg  do  chloinn 
gur  ann  mar  tha  am  Biobull  ag  innseadh 
a  bha  an  saoghal  air  a  chruthachadh.  Thubh- 
airt  e  nach  robh  anns  na  naidheachdan  a 
gheibhear  ann  an  Genesis  mu'n  doigh  anns 
an  do  rinn  Dia  an  saoghal  agus  na  tha 
air  uachdar  ach  sgeulachdan  leanabail, 
agus  nach  b'urrainn  iad  a  bhi  ach  leanabail 
agus  faoin  a  chionn  nach  robh  anns  na  h- 
ludhaich  ach  sluagh  beag  bochd  aig  nach 
robh  fhios  nach  bu  mhotha  Palestin  na 
fride  bheag  anns  a'  chruthachadh  mhor. 


Gun  teagamh  chan  'eil  Palestin  mor  air 
map  an  t-saoghail,  ach  faodaidh  rud  nach 
'eil  mor  a  bhi  maith,  agus  saoilidh  mi  nach 
diithaich  shuarach  a  tha  ann  an  diithaich 
as  an  d'  thainig  am  Biobull  agus  anns  an  do 
rugadh    Slanuighear   an   t-saoghail. 

Bho  chionn  corr  aguB  fichead  bliadhna 
sgriobh  H.  G.  Wells  e  fhein  leabhar  mor 
tiugh  anns  a  bheil  e  ag  innseadh  mar  thainig 
an  saoghal  am  bith.  Ach  ged  bha  e  cinn- 
teach  gu  robh  na  sgriobh  e  anns  an  leabhar 
sin  mu  thoiseach  an  t-saoghail  na  b'fhire 
na  na  seann  naidheachdan  a  gheibhear  ann 
an  Genesis  tha  am  miighadh  m6r  so  eadar 


SLUAGH  ir  AM  B'  AITHNE  JDIA 


am  Biobull  agus  H.  G.  Wells,  gu  bheil  am 
BiobuU  ag  innseadh  c6  a  chruthaich  an 
saoghal.  "  An  toiseach  chruthaich  Dia  na 
neamhan  agus  an  talamh." 

Saoilidh  mi  gur  e  na  facail  sin  cridhe  na 
ciiise  an  uair  a  thoisicheas  duine  air  innseadh 
mar  thainig  an  saoghal  am  bith,  agus  nach 
abradh  tu  seanachaidh  maith  ri  seanachaidh 
air  bith  a  dh'  fhagadh  a  mach  as  an  naidh- 
eachd  a  bha  e  ag  innseadh  an  aon  ni  a 
b'  fhiachaile  uile  gu  letr.  Ma  bha  fhios  aig 
H.  G.  Wells  CO  a  chruthaich  na  neamhan 
agus  an  talamh  chum  e  sin  aige  fhein,  agus 
cha  d'  innis  e  do  dhaoine  eile  e.  Bu  ghorach 
dhuit,  ma  ta,  geill  a  thoirt  dha  air  thoiseach 
air  Genesis. 

Anns  na  laithean  so  tha  uiread  sarachaidh 
air  a  dheanamh  air  na  ludhaich  's  gu  'm 
bu  choir  dhuinn  uile  na  fiachan  a  chuir  iad 
oirnn  a  chuimhneachadh,  oir  is  ann  bhuapa 
a  fhuair  sinn  eolas  air  an  Dia  bheo  agus 
fhior.  Cha  robh  iad  air  an  cunntas  cho 
geur,  no  cho  cumhachdach,  no  cho  fada  air 
an  aghaidh  ann  an  eolas,  ri  Eiphitich  agus 
Greugaich  agus  Romanaich,  ach  an  uair 
a  bha  feallsanaich  agus  baird  agus  sgoil- 
earan-mora  na  Greige  agus  na  Roimhe 
fhathast  ag  aoradh  do  iodhalan  agus  a' 
creidsinn  ann  an  gr^isg  de  dhiathan  nach  b' 
fhearr  na  ceaird  is  blaigeartan  bha  na  h- 
ludhaich  ag  aoradh  do  'n  Dia  bheo,  Cruithear 
nan  neamhan  agus  an  talaimh,  iomlan  'n- 
a  naomhachd,  'n  a  chumhachd,  'n  a  ghliocas, 
agus   'n  a   choibhneas-graidh. 

Sluagh  air  bith  a  thug  eolas  an  De  bheo 
do'n  t'-saoghal,  co  a  theireadh  nach  b' 
airidh  iad  air  an  ainm  "  pobull  Dhe  "  no 
"  sluagh  taghta   Dhe  "  ! 

Ciamar  a  fhuair  iad  an  t-eolas  iongantach 
a  bha  aca  air  Dia  1  An  ann  0  'n  geiread 
nadurra  a  fhuair  iad  e  ?  An  ann  o  'm 
beachd-smuaineachadh  fhein  ?  Chan  ann 
idir  ;  o  cheann  gu  ceann  de  'n  Bhiobull  chan 
fhaigh  thu  facal  de  'n  t-seorsa  so,  "  Air 
dhomh  a  bhi  a'  smuaineachadh  o  chionn 
uine  fhada  so  an  co-dhimadh  a  thainig  mi 
thuige."  Cha  b'  ann  mar  sin  a  labhair 
f^idhean  Israeli.  "  Feuch,  labhair  an  Tigh- 
earna  rium,  ag  radh."  "  Cluinnibh,  0 
neamhan,  agus  tabhair  eisdeachd,  0  thal- 
aimh,  oir  tha  an  Tighearn  a'  labhairt." 
"  Guth  an  Tighearna  ag  eigheach,  an  ti 
aig  a  bheil  cluas,  eisdeadh  e  ri  m'  fhocal-sa." 
Sin  mar  bhiodh  na  faidhean  Eabhrach  a' 
bruidhinn  agus  a'  sgriobhadh,  mar  nach 
robh  annta-san  ach  Radio  leis  an  robh  Dia 
a'  labhairt  ri  chloinn  air  thalamh.  Agus 
CO  thusa  no  mise  gu'n  gabhamaid  oirnn 
fhein  a  radh  gu  robh  iad  air  am  mealladh, 
no  nach  b'  aithne  dhaibh  ciamar  no  cia  as 


a  fhuair  iad  an  teachdaireachd  ?  "  Labhair 
daoine  naomha  Dhe  mar  a  sheoladh  iad 
leis  an  Spiorad  naomh." 

Ceist  Mhor 

Bho  thainig  e  gu  mothachadh  duine  tha 
mac  an  duine  a'  feoraich,  c6  ris  a  tha  Dia 
coltach  ?  Sin  agad  ceist  ris  an  abair  thu 
ceist,  oir  chan  fhaca  siiil  dhaonna  Dia  riamh, 
agus  chan  fhaic  gu  brath,  an  Dia  neo- 
chruthaichte,  neo-chriochnaichte,  gun 
chaochladh  staid.  Nach  mor,  ma  ta,  a' 
chomain  a  chuir  na  faidhean  Eabhrach  air 
an  t-saoghal  uile  an  uair  a  thug  iad  dhuinn 
an  t-eolas  ard  so  air  Dia.  Cha  robh  teagamh 
air  bith  aca-san  c6  ris  a  tha  Dia  coltach. 
An  uair  a  dhit  Isaiah  a  luchd-diithcha  a 
chionn  gu  'm  b'  fhearr  leo  iobairtean  a  thoirt 
do  Dhia,  agus  laithean  feill  a  chumail,  seach 
a  bhi  iriosal  agus  naomh  agus  coibhneil  agus 
truacanta,  tha  sin  ag  innseadh  gu  soilleir 
ciod  an  seorsa  De  anns  an  robh  e  a'  creidsinn. 
"  Na  tugaibh,"  ars  esan,  "  tabhartas  diomh- 
ain  uaibh  na  's  mo  ;  tha  tixis  'n  a  grainealach 
dhomh;  .  .  .  bhur  gealaichean  ura  agus  'ur 
feillean  suidhichte,  is  fuath  le  m'  anam,  agus 
an  uair  a  shineas  sibh  a  mach  'ur  lamhan, 
folaichidh  mise  mo  shiiilibh  uaibh ;  seadh 
an  uair  a  ni  sibh  iomadh  urnuigh,  chan 
eisd  mi :  tha  'ur  lamhan  Ian  fola.  Nighibh, 
glanaibh  ;  cuiribh  air  falbh  olc  'ur  deanadais 
as  mo  shealladh  ;  sguiribh  de  'n  olc  ;  fogh- 
lumaibh  maith  a  dheanamh ;  iarraibh 
breitheanas ;  deanaibh  fuasgladh  air  an 
fhear  a  tha  saruichte  ;  cumaibh  coir  ris  an 
dilleachdan  ;  tagraibh  ;  ged  robh  'ur  pea- 
caidhean  mar  an  sg^rlaid,  bithidh  iad  geal 
mar  an  sneachd  ;  ged  robh  iad  dearg  mar 
chorcur,    bithidh   iad   mar   olainn." 

An  uair  a  leughas  tu  sgriobhaidhean  nam 
faidhean  Eabhrach  anns  a'  Bhiobull  tha  e 
f urasda  dhuit  fhaicinn  gu  bheil  am  Biobull 
cho  fada  air  thoiseach  air  gach  leabhar  eile, 
no  sgoil  eile,  no  tobar  eile,  anns  am  bi  daoine 
ag  iarraidh  eolas  Dhe  's  nach  gabh  iad 
coimeas  ris. 

Cha  ruig  thu  leas  fharraid  de  na  scientists 
CO  ris  a  tha  Dia  coltach  oir  chan  urrainn  iad 
innseadh  dhuit  ;  chan  ann  ri  Dia  a  tha  an 
gnothuch.  Tha  an  gnothuch  ri  nithean 
faicsinneach  a  ghabhas  tomhas  agus  a 
dhearbhadh  le  troigh  agus  meidh.  Cha  mho 
a  ruigeas  tu  leas  fharraid  de  na  feallsanaich 
CO  ris  a  tha  Dia  coltach,  oir  chan  ann  ris 
an  Dia  a  dh'  fhoillsich  e  fein  a  tha  an  gnoth- 
uch-san  ach  ri  Bith  dhiomhair  agus  neo- 
aithnichte,  air  nach  'eil  ainm  agus  aig  nach 
'eil  buadhan  no  faireachduinn,  Bith  air  nach 
biodh  feum  aca  idir  na  'm  b'  urrainn  iad  a 
thuigsinn  as  'eugmhais  co  aca  as  sine,  an 
t-ubh  no  an  t-eitn. 


CEANN-LOCH  GILB  AIR  DDL  DO  PHARIS 


Chan  'eil  ach  aon  aite  anns  am  faigh  thu 
freagairt  a  riaraicheas  inntinn  agus  cridhe 
mhic  an  duine  do  'n  cheist,  Co  ris  a  tha  Dia 
coltach  ? — am  Biobull,  agus  anns  a'  Bhiobull 
fhein  gheibhear  an  teagasg  as  airde  anns  na 
faidhean    agus    o    losa    Criosd.      Sheulaich 


Criosd  'n  a  theagasg  fhein  a  h-uile  facal  a 
labhair  na  faidhean  mu  Dhia. 

"  Dia  a  labhair  o  shean  ris  na  h-aithrichean 
leis  na  faidhean,  labhair  e  anns  na  laithean 
deireannach  so  ruinne  tre  a  Mhac." 


Ceann-Loch-Gilb  air  dol  do  Pharis 


Co  shaoileadh  gu'n  do  leugh  na  daoine  a 
tha  a'  deanamh  na  sithe  am  Paris  dad  a 
dh'  eachdraidh  an  t-saoghail  riamh,  oir 
ma's  fior  na  tha  sinn  a'  cluinntinn  tha  e  'n 
am  beachd  nithean  sonruichte  a  dheanamh 
aig  nach  bi  crioch  eile  ach  cogadh  ann  an 
gineal  no  dha.  Ged  nach  'eil  mise  a' 
creidsinn  gu'n  cuir  .  an  rud  ris  an  abrar 
Collective  Seciirity  crioch  air  cogadh  (oir 
chan  'eil  anns  na  briathran  ach  mealltair- 
eachd)  is  maith  dochas  a  bhi  againn  ri 
cogadh  a  chumail  air  ais  da  ghineal  fhein. 
Ach  ma  tha  Ruisia  agus  an  Fhraing  an  diiil 
gu'm   faod  iad  a'   Ghearmailt  a   roinn   'na 


criomagan  mar  gu'm  biodh  da  thaillear 
air  an  daoraich  a'  gearradh  aodaich  agus 
gun  fhios  aca  gu  de  a  bha  iad  a'  deanamh,' 
tha  an  t-am  aig  Mghr  Bevin  no  Mghr  Attlee 
innseadh  dhaibh  nach  bi  cuid  no  pairt  aig 
Breatunn  ann  an  cumhachan-sithe  nach  'eil 
glic  agus  cothromach.  Tha  seasamh  aig 
Ruisia  anns  an  t-saoghal  an  diugh  bach  buin 
dhi  air  bonn  air  bith  eile  ach  gu  bheil  i  cho 
laidir  ri  math-ghamhainn.  Ach  ann  an 
cuirt-lagha,  no  ann  an  gnothuichean  spior- 
adail  agus  moralta  cha  bu  mhaith  dhuinn 
am  facal  mu  dheireadh  fhagail  aig  math- 
ghamhainn. 


Cumha  do  Choinneach  MacAsgaill 

Bearnaraidh  na  Hearadh 

La  Eachann  MacFhionghuin,  bard  an  eilein. 
Air  fonn  :    "  Tha   Sion  a'  seinn." 


0  SEINNIDH  mi  dan  's  a'  Ghaidhlig  bhlasda 

'S  cha  nar  leam  aithris  mo  sgeul, 

A  dh'innse  do  chach  mu'n  t-sar  Mac  Asgaill 

'S  e  bhas  a  chuir  mi  air  ghleus. 

Nach  faic  sinn  gti  brath  air  sraid  a'  bhaile 

Air  Sabaid,  seachduinn,  no  feill, 

Bho'n  chriochnaich  e  la  's  a  chearn  so  againn 

Far  an  d'dhearrs'  e  thairis  mar  reult. 

Chan  e  iomhaigh  no  blath  rinn  t'   fhagail 

maiseach 
'S  an  fhasach  'gabhail  do  cheum, 
Ach  maise  nan  gras  bhi  fas  's  air  fhaicinn 
Le  each  'n  a  d'  phearsa  gu  leir, 
Mar  lili  fo  dhriichd  bu  chiibhraidh  sealladh 
Bha  ghiulan  uile  's  a  bheus, 
'S  'n  am  tagradh  a  chuis  ri  Cixirt  na  Flaitheas 
Bhiodh  tirnuigh  bhlasda  'n  a  bheul. 

Bhiodh  cuimhn'  aig'  air  each  gach  la  'n  a 

thagradh 
Gach  nabuidh  's  caraid  'n  am  feum, 
'kS  a  mhuinntir  a  bha  gun  ghras  gun  fhasgadh 
'S  na  bha  air  leabaidh  fo  leigh, 
Bhiodh   fallus   bho  ghniiis  mar   dhruchd   ri 

frasadh, 
Le  tirnuigh  chathrannach  reidh, 
Le  aghaidh  gach  uair.  air  Uan  na  cathrach 
Bho'n  d'fhuair  e  beannachd  dha  fein. 


Tha'n   teaghlach   fo   dheoir,   fo   leon,    's   fo 

airsneul 
'S  na  h'eol  d'am  b'aithn'  e  gach  la, 
Le  eideadh  a'  bhroin  'g  an  comhdach  thairis 
'S  le'n  deoir  a'  frasadh  gu  lar  ; 
Tha  caochladh  ro  mhor  air  seol  na  dachaidh 
Nach  leor  a  chathair  bhi  fas, 
'S  nach  faic  iad  le'n  stiil  a  ghnuis  air  thalamh 
'G  a  ionndrainn  tuilleadh  gu  brath. 

Nach    duilich    ri    sheinn    nach    cluinn    sinn 

tuilleadh 
Uo  chomhradh  mills   bha   blath, 
Nach  faic  sinn  a  gheUg  bha  feumail  dhuinne 
'N  a  dhreuchd  's  'na  oifig  a  b'fhearr, 
Bidh  'n  Eaglais  'g  a  chaoidh  's  an  linn  againn 
Gu'n  sinn  uile  fo'n  lar 
Gu'n  criochnaich  ar  cuairt  mar  shluagh  na 

cruinne 
\S  e  dualchas  dhuinne  bhi  gearr. 

Tha  thu  nis  ann  an  sith  an  Tir  nan  Aingil 

Le  clarsaich  mhaireann  de'n  or, 

Cha  lagaich  a  fuaim  chur  suas  ar  molaidh 

Dh'an  Uan  do'n  toir  sibh  gach  gloir. 

Bi  trusgan  geal  iir  'g  a  ghiulan  tuilleadh 

'S  an  crtm  nach  d'rinneadh  le  meoir 

Bidh  Coinneach  'n  a  pairt,  an  sar  Mac  Asgaill 

Bha  'm  Bearnaraidh  fantuinn  bho  oig. 


Aireamh  ii 


946 


Cluasag  fo  cheann 


Agus  dh'  fJian  lacob  an  sin  an  oidhche  sin,  a  chionn  gun  rohJi  a'  ghrian 
air  luidhe ;  agtis  ghabh  e  aon  de  chlachaibh  an  aite  sin  agus  chuir  e  fo  a 
cheann  i,  agus  liiidh  e  slos  's  an  aite  sin  a  chadal. — Genesis    xxviii.    11. 

Agus  bha  losa  ann  an  deireadh  na  luinge,  'n  a  chadal  air  cluasaig. — Marc  iv.  38. 


THA  cluasagan  air  an  ainmeachadh  amis 
a'  Bhiobull ;  aon  naidlieachd  anns  an  t- 
Seann  Tiomnadh  agus  te  eile  anns  an  Tiom- 
nadh  Nuadh.  Anns  an  t-seann  Tiomnadh 
tha  e  air  innseadh  mar  dh'  fhag  lacob  tigh 
athar  agus  a  rainig  e  Betel,  far  an  do  chuir 
e  seachad  an  oidhche,  agus  clach  'n  a  chiasaig 
fo  cheann. 

Ach  bha  clach  a  bu  truime  'n  a  chridhe, 
oir  cha  robh  a  choguis  aig  fois.  An  oidhche 
ud  chunnaic  e  ann  am  bruadar  faradh  a  bha 
ruigheachd  gu  neamh,  is  sheas  an  Tighearn 
OS  a  chionn,  is  thubhairt  e  ris  gu'n  tugadh 
e  dha  fein  agus  d'a  shliochd  am  fearann  air 
an  robh  e  'n  a  laighe.  An  uair  a  chual  lacob 
am  facal  sin  dhuisg  e,  is  thubhairt  e,  "  Chan 
aite  air  bith  so  ach  tigh  Dhe,  agus  is  e  so 
geata  neimh." 

Is  ann  mar  sud  a  rinn  Dia  ciimhnant  ri 
lacob,  agus  a  gheall  e  a  bhi  maille  ris  anns 
gach  aite  an  rachadh  e  (Genesis  xxviii). 

Anns  an  Tiomnadh  Nuadh,  far  a  bheil  e 
air  innseadh  mar  chaidh  Criosd  thairis  air 
Muir  Ghalile  ann  am  bata  beag  ann  an 
stoirm,,  tha  sinn  a'  leughadh  gu  robh  eagal 
air  na  deisciobuil  an  uair  a  chunnaic  iad  an 
cunnart  anns  an  robh  am  bata,  agus  gu'n 
do  dhiaisg  iad  Criosd,  ag  radh  ris,  "  A 
Mhaighstir,  nach  'eil  suim  agad  gu'n  caillear 
sinn  ?  " 

Bha  esan  an  deireadh  na  luinge  'n  a  chadal 
air  cluasaig.  Theagamh  nach  robh  anns  a' 
chluasaig  sin  ach  crioman  fiodha,  no  pasgan 
aodaich,  air  neo  ni-eigin  eile  a  bha  socrach. 
Ach  bha  ceann  an  t-Slanuigheir  air  cluasaig 
eile,  agus  b'e  a'  chluasag  sin,  Dia.  A  chionn 
gu  robh  earbsa  laidir  aige  'n  a  Athair,  agus 
ann  an  gradh  neo-chaochlaideach  Athar, 
cha  do  chuir  a'  ghaoth  no  na  tonnan  eagal 
air  (Marc  iv.  37-41). 

Tha  mi  cinnteach,  a  leughadair,  "nuair  a 
bhios  thusa  sgith  air  do  thurus  anns  an  t- 
saoghal  so,  gu'm  bi  thu  ag  radh  iomadh  uair 
riut  fein,  "  O,  nach  robJi  cluasag  agam  air 
an  leagainn  mp  cheann !  "  "  0,  gu'n  tigeadh 
cadal  gun  dusgadh  orm  fad  seachduin,  los 
gu'n  dichuimhnichinn  sud  no  so !  " 


A  bheil  cluasag  ri  fhaotainn  air  an  leag 
thu  do  choann  ? 

Tha  cluasag  aig  Dia  air  do  shon  anns  gach 
suidheachadh  anns  am  bi  thu. 

Cluasag  a  Mhaitheanais 

Ma  tha  an  saoghal  searbh  do  chuid  de 
dhaoine  is  e  an  amaideas  fein  a.  tha  'g 
dheanamh  searbh.  Rinn  iad  an  leabaidh, 
is  feumaidh  iad  laighe  innte,  gun  chluasag 
fo'n  ceann  ach  clach  chruaidh.  B'e  clach 
chruaidh  a  bha  fo  cheann  Iain  Bunyan,  gus 
an  d'  fhuair  e  a'  chluasag  shocrach  so  ann 
an  cuireadh  agus  ann  an  gealladh  losa 
Criosd,  "  An  ti  a  thig  am  ionnsuidh-sa, 
cha  tilg  mi  air  chor  air  bith  a  mach  e."  Sin 
cluasag  bhog  is  cluasag  mhin  do'n  pheacach, 
Maitheanas  Dhe.  Chuir  Iain  Bunyan  a 
cheann  oirre,  is  fhuair  e  fois.  Ach  ma 
fhuair,  cha  b'ann  gun  spairn,  oir  dh'  fheuch 
Satan  ris  a'  chluasaig  ud  a  thoirt  bhuaith. 
"  Dh'  fheuch  e,"  ars  Iain  Bunj^an,  "  ri 
toirt  as  mo  lamhan,  ach  dh'  fhairtlich  air  ; 
chum  mi  greim-b^is  oirre." 

Nach  e  so  a'  chluasag  bheannaichte  I 
Faodaidh  an  saoghal  cixl  a  chur  ri  duine  ; 
faodaidh  an  eaglais  ainm  a  dhubhadh  a  mach 
as  a  leabhracihean  ;  faodaidh  athair  a  chur 
a  mach  air  an  dorus,  ach  cha  chuir  Dia  ctil 
ris  a'  pheacach,  is  cha  dtiin  e  an  dorus  air. 
Cha  duinear  dorus  Dhe  air  a'  pheacach  mur 
duin  am  peacach  fein  e. 

An  uair  a  thainig  priosanach  araidh  a 
mach  as  a'  phriosan  bha  dorsan  tighean  a 
sheana  chairdean  uile  diiinte  air.  Shuidh 
e  taobh  an  rathaid,  is  ghuil  e  gu  goirt.  Bha 
searbhadas  'n  a  chridhe.  An  uair  a  chuala 
duine-eigin  a  bha  dol  seachad  ciod  a  bha 
cearr  air  dh'  fhaighnich  e  dheth  an  deachaidh 
e  a  dh'  ionnsuidh  dorus  an  Easbuig,  agus  e 
a'  comharrachadh  an  doruis  dha  le  laimh. 

"  Cha  deachaidh,"  ars  am  priosanach. 

"  Rach  thusa  thuige  ma  ta,"  ars  an  duine, 
"  agus  cha  chuir  an  t-Easbuig  air  falbh 
thu." 

Chaidh  am  priosanach  a  dh'  ionnsuidh 
an  doruis  ;   fhuair  e  biadh  agus  blaths,  agus 


CLUASAG  FO  CHEANN 


o'n  la  sin  thoisich  obair  mhaith  ann  a  chaidh 
air  aghaidh  gu  la  a  bh^is. 

A  leughadair,  tha  fhios  agam  gu'n  do 
ghabh  thu  dhuit  fein  iomadh  cluasag  ach 
cluasag  an  t-soisgeil.  Nach  gabh  thu  i  so ! 
Tha  Criosd  ag  radh,  "  Is  mise  an  dorus; 
buailibh,  agus  fosgaUear  dhuibh."  Choisinn 
e  saorsa  dhuinn  le  fhuil  fein,  agus  glanaidh 
full  losa  sinn  o  ar  peacaidhean  uile. 

'S  beannaicht'  an  duine  sin  a  fhuair 
'Na  pheacadh  maitheanas  ; 

A  fhuair  le  trocair  foluch  air 
A  chiont'  is  easaontas. 

Cluasag  Sithe 

An  uair  a  ni  duine  cron  no  peacadh  tha 
e  a'  cur  bior  'n  a  chluasaig  fein  a  theid  an 
sas  ann  la  air  chor-eigin.  "  An  ti  a  dh' 
fholaicheas  a  pheacaidhean,  cha  soirbhich 
leis  "  (Gnath-fhocail  xxviii.  13). 

Cha  do  dliichuimhnich  an  t-  OUamh 
Mac  Iain  riamh  an  fhreagairt  eas-umhail 
a  thug  e  d'a  athair  'n  a  bhalach  ;  n'a  sheann 
aois  chaidh  e  air  ais  a  dh'  aon  ghnothuch  do 
Lichfield,  is  sheas  e  air  an  t-sraid  fad  an  la, 
agus  an  dile  uisge  ann,  'g  a  pheanasachadh 
fein  air  son  'eas-umhlachd.  Bha  a'  chlann- 
bheaga  a'  magadh  air,  ach  bha  e  coma  ; 
bha  6  ag  iarrajdh  sithe  d'a  choguis. 

A  bheU  cuimhne  air  chor-eigin,  a  leugh- 
adair, a'  toirt  bhuat-sa  do  shith  ?  ni-eigin 
a  tha  tighinn  eadar  thu  agus  Dia.  Ma  tha, 
aidich  do  chionta,  agus  aidich  e  gu  luath. 

Faodaidh  thu  cluasag-itean  a  cheannach 
le  airgiod,  ach  cha  cheannaich  airgiod  sith 
do   choguis  leonte. 

Chan  fhaigh  anam  an  duine  sith  ach  ann 
an  Dia. 

Sith,  lanachd  sith,  an  saoghal  aingidh, 

truagh  ? 
Tha  full  an  Uain  a'  labhairt  sith  bhith- 

bhuan. 

Is  e  dileab  as  fhearr  a  dh'  ihkg  Criosd 
aig  an  t-saoghal,  a  shith.  "  Mo  shith  tha 
mi  a'  toirt  dhuibh  ;  chan  ann  mar  bheir  an 
saoghal  a  tha  mise  a'  toirt  dhuibh." 

Thug  an  saoghal  dhasan  crann-ceusaidh, 
ach  is  ann  le  a'  chrann-ceusaidh  a  tha  esan 
a'  toirt  dhuinne  sith,  sith  a  bha  air  a  cosnadh 
le  fuil. 

Sith,  lanachd  sith,  is  bron  mar  thuiltean 
ard 
'     Tha   feath   fo   fhasgadh   Carraig   mhor 
=    nan  Al. 


Cluasag  na  foise 

Bha  bana-charaid  ghaolach  agam  a  bha 
cho  dona  leis  an  16inidh  's  nach  b'  urrainn 
dhi  a  ceann  a  leagail  air  a'  chluasaig.  Thea- 
gamh,  a  leughadair,  nach  e  an  loinidh  ach 
am  peacadh  a  tha  'g  ad  chumaU-sa  'n  ad 
dhiisgadh ;  a'  tionndadh  bho  thaobh  gu 
taobh  fad  na  h-oidhche  gun  fhois.  Ma's 
e,  cuimhnich  nach  'eil  ann  ach  aon  doigh 
air  fois  fhaotainn.  Cha  ghabh  i  ceannach 
le  airgiod  ;  cha  ghabh  i  ceannach  le  obair 
dhichioUach  ;  ged  bheireadh  tu  do  mhaoin 
uile  do  na  bochdan ;  ged  dheanadh  tu 
seirbhis  do'n  eaglais  anns  an  sgoil  Sh^baid, 
cha  tugadh  sin  fois  dhuit  ma  tha  do  choguis 
ag  innseadh  dhuit  gu  bheil  thu  ciontach. 
Chan  fhaigh  thu  fois  gu  brath  gus  an  gabh 
thu  ri  cuireadh  an  t-S14nuigheir,  "  Thigibh 
am  ionnsuidh-sa,  sibhse  uile  a  tha  ri  saothair 
agus  fo  throm  uallach,  agus  bheir  mise 
suaimhneas  dhuibh." 

Tha  e  air  a  rkdh  gur  e  sin  am  facal  as 
milse  anns  a'  Bhiobull.  Tha  e  mar  gu'm 
biodh  mathair  ghaolach  a'  gairm  a  cloinne 
'g  a  h-ionnsuidii. 

Dh'  fheuch  Augustine  ri  leon  anama  a 
leigheas  leis  gach  iocshlaint  a  bha  an  saoghal 
a'  tairg-sinn  dha  ;  dh'  61  e  a  abhainn  ris 
an  abrar,  "  solasan  an  t-saoghail "  ;  dh' 
61  e  a  abhainn  ris  an  abrar,  "  tobar  an 
e61ais,"  ach  cha  robh  annta  uile  ach  diomh- 
anas  agus  ruagadh  na  gaoithe.  Ach  mu 
dheireadh  ghabh  e  ri  facal  Chriosd  gu  h- 
iriosal  mar  leanabh  ;  dh'  61  e  de'n  uisge 
bheo,  agus  an  sin  cha  robh  tart  air  anam 
tuilleadh.  "  Tha  cridhe  mhic  an  duine," 
ars'  esan,  "  gun  fhois  gus  am  faigh  e  fois 
annad-sa." 

Tha  maitheas  agus  tr6cair  an  Tighearn 
a'  coinneachadh  pheacach  ann  an  losa 
Criosd ;  tha  gliocas  agus  cumhachd  Dhe 
'n  a  chrann-ceusaidh.  "  Feuch,  Uan  Dhe 
a  tha  toirt  air  falbh  peacadh  an  t-saoghail. '^ 
Bheir  e  air  falbh  do  pheacaidhean-sa,  a 
leughadair,  ma  dh'  eisdeas  tu  ri  ghuth  agus 
ma  thig  thu  'g  a  ionnsuidh. 

Nis  cluinnean,  'Dhe,  do  ghuth 

a  ghairmeas  thugad  mi 
'G  am  ionnlaid  ann  ad  fhuil 

thar  pris 

a  shruth  air  Calbhari. 

Tha  mi  'tighinn,  Dhe, 

thugad  fein  mo  Righ, 
Nigh  mi,  glan  mi  anns  an  fhuil 

a  shruth  air  Calbhari. 


Loch  Boidheach 

Le  Eachann  Mac  Dhughaill 


LOCH  BOIDHEACH!  Is  e  sin  an  t-ainm 
a  bu  mhath  a  thoill  e,  ge  'r  bith  c6  a  thug 
dh^  e,  agus  an  uair  a  dhearc  mo  dha  shuil-sa 
air  latha  grianach  samhraidh  am  bliadhna 
fhein,  is  mi  a  dh'  fhiosraich  nach  robh  esan 
no  ise  a  bhuilich  an  t-ainm  ud  air  an  toiseach 
idir  cli,  oir  is  boidheach  da-riridh  an  loch 
fein,  agus  is  Muinn  is  aillidh  an  sealladh  a 
chithear  bho  a  bhruachan,  araon  am  fonn  a 
tha  mu  'n  cuairt  air  is  an  lionadh-sula  fada 
as  a  tha  air  an  luigheasachadh  do  'n  aon  a 
ruigeas  a  thaobh.  Thug  mise  trian  de  latha 
grianach,  samhraidh  an  uiridh  a'  feuchainn 
ri  Loch  Boidheach  fhaotainn,  oir  ged  a 
chuala  mi  gu  leor  m'  a  dheidhinn,  cha  do 
lorgaich  mi  riamh  a  bhruachan.  Fhuair 
mi  lochan  eile  an  latha  ud,  ged  tha,  lochan 
boidheach  cuideachd,  agus  nach  ann  mar 
a  bh4  gur  ann  a  shaoil  mi  gu  'm  b'  e  an 
sg4than-uisge  a  bha  an  so  a  fhuair  mi,  an 
fhior  Loch  Boidheach  air  an  robh  mi  an  toir  ; 
agus  mar  sin,  an  deidh  dhomh  a  chuid 
uisgeachan  a  bhlaiseagan — deagh  bhurn  gu 
pathadh  teis  samhraidh  a  chasg — is  an 
deidh  sin  mo  chasan  sgithe  a  shliobadh  an 
ceann  a'  chaochain  sruithe  bhig  a  bha  a' 
ruith  as  a  cheann,  nach  ann  a  thug  mi  suas 
an  siubhal  is  thug  mi  m'  aghaidh  air  an 
tigh.  Ach  fathast,  bha  teagamh  agam  anns 
a'  chtiis,  is  leis  gach  beachd  a  thugadh 
dhomh  an  deidh  l^imhe  leosan  nach  robh 
cho  deas  gu  sin  a  thoirt  seachad  mu  'n  do 
thog  mi  am  mach,  thuig  mi  gur  e  an  loch 
ce^rr,  co-dhiubh,  nach  b'  e  an  loch  air  an 
robh  mo  chion-fath,  a  fhuair  mi  idir !  Bha 
mi  mar  sin  caran  coltach  riusan  a  bha  a' 
ruagadh  a'  Phrionnsa  Tearlach  an  uair  a 
rug  iad  air  fear  a  bha  coltach  ris,  is  a  leig 
leo  am  beachd  altrum  gur  e  am  Prionnsa 
e  fein  a  bha  aca !  Fhuair  am  Prionnsa,  mar 
sin,  as  orra  ;  ach  chuir  mise  romham  nach 
robh  mi  a'  dol  a  chall  mo  Loch  Boidheach 
fein  air  aobhar  cho  faoin  sin,  agus  ma  fhuair 
e  as  air  mo  shuil  an  uiridh,  chuir  mi  romham 
nach  robh  a'  chuis  a'  dol  a  bhith  mar  sin 
am  bliadhna. 

Siubhal  monaidh 

Latha  an  sud,  ged  nach  robh  a'  cheud 
chuid  dhe  idir  ro  ghealltanach  gu  teannadh 
ri  siubhal  monaidh,  gle  eadar-dhealaichte 
bho  'n  latha  ghrianach,  theth  a  thog  mi 
am  mach  an  uiridh,  sheol  mi  mo  cheum  ris 
a'  mhonadh,  Monadh  Choire  Chaineasgaig, 
is  mi  an  geall  "  thigeadh  i  thall  mar  a 
thigeadh  "  gu  'm  faighinn  Loch  Boidheach. 


Bha  mi  am  beachd  gu  'n  robh  mi  'ga  shiubhal 
ro  fhada  tuath  a'  cheud  latha,  agus  air  an 
turns  so  lean  mi  an  rathad  mor  gus  an  do 
rainig  mi  Lub  Aondairigh.  Chuir  mi  an 
sin  dhiom  na  brogan  iosal  a  bha  orm  an  uair 
a  thog  mi  am  mach,  agus  chuir  mi  orm 
paidhir  de  bhrogan  mora,  troma,  dionach 
gu  leth  na  teanga,  a  thug  mi  leam  a  dh'  aon 
ghnothach :  bha  cuimhne  agam  mar  a 
thubhairt  seann  Iain  Maclain  —  "  uisge 
Choire  Chaineasgaig!  "  arsa  esan,  "  theid  e 
troimh  an  '  natural  bend  '  fh^in !  "  Ghlac 
mi  mo  dheagh  bhata  calltuinn  'nam  dhorn 
is  thog  mi  ri  bruthach,  le  Beinn  Hogh 
direach  romham  ris  an  airde  an  iar.  Bha 
mi  a'  direadh  's  a'  sireadh.  Bha  loch  thall 
is  loch  a  bhos  a'  tighinn  am  fradharc  mar 
a  bha  mi  a'  dol  air  aghaidh,  lochan  boidheach 
cuideachd,  ged  nach  b'  e  an  "  Loch  Boidh- 
each "a  bha  anns  an  amharc  agamsa.  Loch 
an  Diiin,  Loch  Chliad,  Loch  Airigh  Mhaoil 
Bhrighde,  Loch  na  Garbhaird,  Loch  Mio- 
laird,  Loch  Roineard  is  lochain  bheaga  eUe 
air  nach  'eil  ainm  agamsa,  ach  c'  ^ite  an 
robh  ceann  mo  sheid  's  mo  shiubhaU-sa  ? 
Dh'  innseadh  dhomh  gu  'n  robh  Loch 
Boidheach,  cha  mhor,  air  muUach  an  droma 
air  an  t-slighe  air  an  robh  mi  an  nis  ag 
inntreachadh,  agus  bha  mi  ionnas  cinnteach 
an  uair  a  bheirinn  am  mach  am  mullach  a 
bha  an  nis  romham  nach  gabhadh  e  bhith 
gu  'm  bithinn  fada  bhuaithe.  Dhirich  mi 
am  bruthach  so  le  fiughair  'nam  chridhe  's 
'nam  bhonn,  agus  an  uair  a  bhuannaich  mi 
mu  dheireadh  am  bearradh  ris  an  do  sheol 
mi  mo  cheiim,  bha  an  sud  mo  Loch  Boidheach 
ris  an  robh  mo  dhuil  cho  fada  sgaoilte  fa 
m'  chomhair! 

Togail-cridhe 

Cha  mhor  nach  dannsainn  leis  an  toileach- 
adh!  Loch  Boidheach!  B'  esan  da-riridh 
sin  an  loch  boidheach,  agus  an  loch  maiseach. 
Bha  an  latha  an  nis  air  tighinn  na  b'  fhearr  ; 
bha  a'  ghrian  air  tighinn  ris,  is  i  a'  dealradh 
air  a  chuid  uisgeachan  'na  dian  theas  an  uair 
a  sheas  mi  aig  a  cheann,  is  gun  ach  deothag 
bheag,  fhann  gaoithe,  gaoth  an  iar-thuath, 
a'  seimh-phogadh  a  bhilean.  Sheas  mi 
aig  a  cheann,  an  ceann  a  tha  ris  an  airde 
tuath,  ged  is  ann  mar  a  tha  gu  bheU  an  ceann 
so  a'  sgoltadh  'na  dha  gheodha  ghrinn,  le 
beagan  de  ruith  uisge  bho  aon  dhiubh, 
ruith  a  tha  ag  cinntinn  is  ag  cinntinn  le 
sruthain  eile  a'  dol  ris  gus  a  bheil  e  a'  dol  am 
mach  air  a'  chladach  a  tuath  aig  GriseabuU, 


LOCH  BOIDHEACH 


an  deidh  ruith  troimh  Leum  ainmeil  a' 
Ghille-riabhaich.  Ach  tha  ruith  bheag — 
agus  ruith  mhor  an  uair  a  tha  dortaidhean 
uisge  ann — aige  ris  a'  chladach  a  deas  mar 
an  ceudna,  agus  anns  an  t-seagh  so,  tha  Loch 
Boidheach  eadar-dhealaichte  bho  loch  sam 
bith  eile  is  aithne  dhomhsa,  oir  tha  e  ag  cur 
'uisge  gu  dk  thaobh  an  eilein.  Chan  'eil 
sruth  idir  a'  ruith  a  steach  ann,  agus  mar 
sin,  tha  mi  an  duil  gu  bheil  e  dearbhte,  mar 
a  bha  na  seann  daoine  ag  cumail  am  mach, 
gur  e  fuaran,  no  fuarain  'na  ghrunnd  no  fo  'n 
uisge  an  ait-eigin,  a  tha  ag  cumail  ris  air  chor 
is  gu  bheil  e  ag  cur  thairis  air  a  dha  cheann 
eadhon  an  am  samhraidh  ;  tha  feart  an  uisge 
fein  'ga  dhearbhadh  sin.  Chuala  mi  riamh 
ainm  aig  uisge  Loch  Boidheach  mar  uisge 
oil ;  agus  chuir  mise  dearbhadh  air  sin 
cuideachd.  Cha  robh  iadsan  a  mhol  e  cearr. 
Is  mi  a  tha  cinnteach  gur  e  a  dheanadh  an 
tea  mhath,  theagamh,  a'  cheart  cho  math  ri 
uisge  Tobar  Airigh  nan  Sgitheag,  agus  cha 
d'  fhiosraich  mise  riamh  na  b'  fhearr  na  a' 
cheart  uisge  sin  fein.  Is  e  sud  tobar  a  tha 
am  mach  far  am  biodhmaid  a'  buain  na 
monadh,  agus  is  ann  as  daonnan  a  bha 
uisge  na  tea  air  a  tharruing  an  uair  a  phaisgte 
gach  troidhsgeir,  spaid,  sluasaid,  is  forc- 
monadh,  is  am  na  dinnearach  am  fagus. 
Ach  is  e  a  tha  an  sin  sgeul  eile  :  is  ann  air 
Loch  Boidheach  a  tha  mo  sheanachas  an 
dr4sd. 


Tha  tri  eileanan  beaga  anns  an  loch  so, 
is  iadsan  ag  cur  am  maise  fein  ris  le  an  cuid 
fais  is  beo-thaomadh  an  uisge  m'  am  bilean. 
Agus  am  fas  a  bha  mu'n  cuairt ;  an  gabh 
ctmntas  toirt  air !  Air  a  chneas  fein  bha 
ro-chinneas  de  'n  rafagaich,  is  i  a'  briseadh 
am  mach  fo  bhlath,  duilleagan-baithte  anns 
na  geodhachan  a  bu  taine  is  a  b'  fhasgaiche, 
an  tri-bhileach  mar  an  ceudna,  is  i  mar  nach 
biodh  i  cinnteach  co-dhiubh  a  bu  choir  dhi 
a  freumh  a  bhith  aice  anns  an  fhonn  thiorail 
no  fo  uisgeachan  an  locha.  Taobh  ri  taobh 
rithe  bha  leapannan  cuilce,  luachair  is 
.^all-luachair — ro-fhas  domhail — is  os  a  chionn 
sin,  le  cuid  de  a  chroma-bhadain  air  uairean 
ag  godadh  ri  barr  an  uisge,  is  iad  sin  n;i, 
bu  truime  anns  an  dath  is  na  bu  dheirge, 
bha  an  da  fhraoch,  fraoch  mo  chinnidh  fein, 
fraoch-meangain  nam  bruach,  is  fraoch 
badanach  nan  Domhnallach,  cinneadh  mo 
dha  sinn-seanmhar,  ag  cur  sgaile  air  gach 
fas  eile,  is  a'  toirt  fasgaidh  dhoibh  mar  an 
ceudna,  eadhon  mar  a  bha  an  cinneadh 
aghmhor  do  an  suaicheantas  e  ag  cur  dion 
air  na  treubhan  a  bu  luige  's  a  bha  ag  cur 
an  earbsa  annta.  Bha  e  an  nis  air  briseadh 
am  mach  fo  bhlath,  is  rinn  mi  tagha  air 
na  badan  a  bu  luraiche  gus  cuibhrionn  a 
bhith  agam  dhomh  fein  is  do  chairdean  a 
bha  fios  agam  a  dheanadh  toileachadh  ris 
an  uair  a  dh'  fheumainn  tilleadh  air  ais  do'n 
bhaile-mhor. 


Sealladh  dirdhearc 

Mata,  an  uair  a  dh'  61  mi  mo  shath  de 
dheagh  uisge  Loch  Boidheach,  mar  Eliah 
an  uair  a  dh'  ith  e  na  breacagan  is  a  dh'  61 
e  an  t-xiisge  a  chuireadh  is,  chomhair,  tha 
mi  an  duil  gu  'n  coisichinn  deagh  astar  leis 
an  urachadh  a  thug  e  dhomh.  Shuidh  mi 
far  an  robh  mi  car  tacain,  ged  tha,  an  deidh 
dhomh  mo  phathadh  a  riarachadh,  oir  cha 
robh  an  t-suil  fathast  lan-shasaichte.  B'  e 
an  loch  fein  a  bha  sgaoilte  aig  mo  chasan, 
le  lainnir  na  greine  air  gach  faoin-bhriseadh 
no  builgein  a  dh'  eireadh  air  aobhar  sam 
bith  air  a  chneas,  an  ceud  lan-stila.  Leumadh 
breac  an  sud,  thumadh  eun  beag  a  ghob  an 
so  gu  casg  a  chur  air  a  phathadh  fein, 
bhuaileadh  osag  chitiin  a  stigh  air  a  fiaradh 
bharr  sUos  fraochach  a'  chnuic,  no  gluasad 
nadurra  sam  bith  eile,  is  bha  iad  uile  ag  cur 
ri  drUlseadh  na  greine  air  cneas  an  locha, 
uile  gu  leir  dealbh  aluinn  nach  iarrainn 
caochladh  a  thighinn  oirre  'nam  mheomhair. 
Bha  uisgeachan  an  locha  mar  gu  'm  biodh 
iad  a'  failteachadh  gach  crutha  no  gatha  a 
thilgte  orra,  is  iadsan  a'  failteachadh  an 
locha  fein — uile  gu  leir,  sealladh  6irdhearc ! 


Colla  uile  fo  m'  shuil 

Cha  robh  ach  gle  bheag  de  eilean  m'  arach, 
co-dhiubh,  a'  chuid  a  b'  airde  dhe,  nach  robh 
'nam  shealladh  bho  'n  druim  monaidh  air 
a  bheil  Loch  B6idheach.  Thall  gu  fada 
ris  an  ear-thuath  bha  Monadh  Eillearaig 
is  an  Carnan  Mor,  an  cnoc  bho  am  facas  an 
sealladh  mu  dheireadh  de  luing  a'  Phrionnsa 
an  uair  a  thug  e  a  chul  gu  brath  ri  fearann 
is  crim  athraichean  da  cheud  bliadhna  air 
ais,  an  Carnan  Mor  bho  'n  d'  fhuair  mise 
(a  reir  mo  bheachd  'san  am)  mo  cheud  seal- 
ladh air  an  t-saoghal  mhor  am  mach  :  Mon- 
adh mo  ghr^idh  is  Carnan  mo  ghaoil,  far 
an  iarrainn  an  tarruing  mu  dheireadh  a 
thoirt  air  anail  mo  bheatha,  na'm  biodh 
sin  air  a  cheadachadh  dhomh.  Na  b'  fhaide 
ris  an  deas  bha  Meall  na  h-Iolair,  Dim 
Lorachain,  Meall  nan  Uan  is  gach  garbh- 
mheall  eile  gus  an  ruigeadh  an  t-sttil  Maol 
Ithiuirne,  'na  seasamh  mar  gu'm  biodh  i  air 
a  cruthachadh  gu  dion  a  chur  air  an  loch 
laimh  rithe  is  air  a  bheil  an  aon  ainm  rithe 
fein  (cho  math  ris  an  eilean  bheag  a  tha 
'na  bheul) .  An  nail  bhuaithe  sin  bha  am  f  onn 
na  b'   isle  ris  a'  chladach  a  deas,  gu  ruig 


MATH  AS  AN  OLC 


Breacachadh,  an  Traigh  Deas,  is  an  Caolas, 
t/hall  gu  fada  ri  aghaidh  a'  Bhuirn-duibh. 
Ris  a'  chladach  an  iai'-tluiath  bha  Beinn 
Feall,  Beinn  Ghriseabuill,  is  Beinn  Hogh, 
giomanach  nam  meall  is  nam  monadh  uile 
gu  leir,  is  i  a'  toirt  dhiom  Bharraidh  thall 
fada  siar  's  an  iar-thuath.  B'  e  Barra  an 
t-aon  a  mhain  de  na  h-eileanan  mu  'n  cuairt 
nach  faicinn  bho  Loch  Boidheach,  oir'  mar 
a  thubhaii't  mi,  bha  Beinn  Hogh  ag  aiclieadh 
an  t-seallaidh  sin  orm. 

Bho  Uidhist  gu  Diura 

Bha  tri  beaniitan  mora  Uidhist  a  Deas, 
]e  sliosan  eile  na  b'  isle,  maille  ri  Eiris- 
geadh  is  eileanan  beaga  eile  mar  gu  'm 
biodh  iad  air  flod  ciil  nan  astar.  Na 
b'  fhaide  sear  is  na  bu  dliiithe  dhomh 
bha  Heisgeir  nan  Ron,  le  thigh-sohiis  geal 
anns  a"  ghrein.  Tha  e  air  a  radh  gu'm 
faicear  beanntan  na  Hearadh  bho  Bheinn 
Hogh  le  latha  fior  shoilleir,  ach  cha  do  thog 
mise  riamh  iad,  is  cha  robh  mi  cinnteach 
eadhon  a  Uidhist  a  Tuath,  ged  a  tha  e  gu 
math  na's  dliiithe  dhuinn.  An  cridhe  na 
h-airde  tuath  bha  Cana,  an  sin  Riim,  eilean 
cuid  de  m'  shinnsir,  ach  anns  nach  'eil  an 
diugh  no  bho  chionn  iomadh  latha  eadhon 
aon  de'n  t-seann  tuath,  masladh  mor 
Bhreatann  air  a  riochdachadh  ann  fein 
a  mhain!  'Na  dheidh  tha  Eige  is  Eilean 
nam  Muc,  far  an  do  rugadh  mo  sheanair, 
le  Cuilthionn  garbh  Eilean  a'  Cheo,  is 
monaidhean  eile  bho  Bhracadal  gu  Sleibhte 
mar  gu'm  biodh  iad  a'  togail  fath  air  an  cid. 


Fada  thall  a  rithist  bha  na  Garbh- chriochan 
is  Mriideart,  far  an  deach  e  fein,  ar  Prionnsa 
dligheach,  air  th-  is  an  do  thogadh  bratach 
dha  air  cuairt  a'  mhi-rath  ud  a  rinn  a  leithid 
de  mhilleadh  air  na  finneachan.  Na  bu 
dliiithe  dhomh  bha  Ardnamurchan,  tir  mo 
shinn-seanmhar,  Beul  a'  Chaoil,  Loch  Suain- 
neart,  Muile  nan  Craobh  is  nam  Fuar- 
bheann  Arda,  Eileanan  Threisnis,  T  (Jhahnn 
Chille,  agus  shios  gu  fada  air  a  cid  na  tri 
(Tiochan  Diin'aeh. 

Tir  iosal  na  gr^ine 

An  d'  fhag  mi  eilean  no  ploc  fuinn  sam  bith 
eile  gun  ainmeaehadh  ?  0,  gu  dearbh  dh' 
fhag  ;  ach  cha  b'  ann  mar  dhearmad  a  dh^ 
fhag  mi  gu  deireadh  e.  Cha  b'  ann  dhomh  a  bn 
choir,  eilean  cuid  de  m'  dhaoine,  an  t-eilean  a 
thug  breith  is  firach  do  m'  athair,  Tir  Iosal  an 
Eorna,  fhagail ;  ach  gach  dileas  gu  deireadh, 
is  chan  e  an  t-suaraichead  a  thug  orm 
fhagail  mar  sin  gu  deireadh.  Bha  a'  ghrian 
direach  os  cionn  Beinn  Haighnis  orm, 
thall  ann  an  cridhe  na  h-airde  an  iar-dheas, 
agus  b'  aluinn  a'  bheinn  i  fein  is  an  t-eilean 
uile.  Bu  mhath  is  b'  fhior  a  sheinn  am 
bard  an  uair  a  rinn  e  a  rannan  do'n  "  Tir 
Iosal,  Lurach,"  oir  is  sin  i,  ged  bu  mhor  a 
ghabhainn  is  a  cur  air  thoiseach  air  eilean 
m'  arach  fein  anns  a  bheil  Loch  Boidheach 
mar  aon  de  ha  deich  locha  fichead,  mor 
is  beag  a  tha  ann.  Chan  e  as  motha  dhiubh  ; 
ach  chan  'eil  aon  dhiubh  a  bheir  barr  air 
am   maise. 


Math  as  an  01c 


Leis  an   Urramach  Iain  Mac-a-Phearsain,  Ph.D.,  an  Deibhidk. 


BHA  mi  bho  chionn  beagan  tim  air  ais  aig 
banais,  agus  'nuair  shuidh  a'  chuideachd 
mu'n  chuirm  aig  a'  bhord,  bha  fonn  math 
air  gach  neach  a  bha  lathair,  agus  gu  son- 
ruichte  air  a  charaid  oig.  Bha  iad  le  cheile 
ann  an  seirbhis  a'  Chriiin  agus  sin  mar 
chomhailich  iad  a  cheile  air  tiis. 

'S  ann  do  Shasunn  a  bhuineadh  fear-na- 
bainnse  agus  bha  a'  bhean  nuadh-phosd  a 
Srath  aluinn  air  a'  Ghaidhealtachd.  Mar 
thuirt  an  seanfhacal  e,  "  b'  fhada  bho  cheile 
crodh  laoigh  an  da  sheanar."  Nuair  bha  a' 
chuirm  aig  a  h-airde  agus  daoine  'g  61  air 
slainte  a  cheile,  chuir  fear  na  bainnse  cagar 
'n  am  chluais  agus  thuirt  e,  's  e  deanamh 
gaire,  "  cha  do  choinnich  sinn  riamh  mur 
biodh  Hitler." 

Air  an  rathad  dhachaidh  bho'n  chuirm 
shoghmhor  ud  far  an  robh  gean  math  air 


gach  neach  a  bha  lathair  thoisich  mi  au- 
smuaineachadh  air  mar  thig  iomadh  uair 
math  a  olc  mor.  Is  iomadh  fear  is  te  air 
aghaidh  an  t-saoghail  an  diugh  a  tha  a'  toirt 
am  mallachd  air  Hitler,  oir  chaill  iad  luchd- 
gaod  is  daimhich  a  bhios  iad  a'  caoidh  cho 
fad  's  a  bhios  iad  bed.  Tha  cuid  dhiubh 
sin  'n  an  suain  's  a'  chadal  bhuan  air  raontan 
sgaoilte  fada  thall,  agus  tha  cuid  eile  dhiubh 
air  an  tonn-luasgadh  air  grinneal  na  fairge, 
agus  piobairean  a'  chuain  a'  cluich  oidhche 
is  la  OS  an  cionn. 

Ach  ged  tha  na  miltean  ann  an  diugh  mar 
thuirt  mi,  tha  toirt  am  mallachd  air  Hitler, 
tha  miltean  eile  ann  tha  toirt  am  beannachd 
buan  air,  oir  mur  biodh  esan  cha  bhiodh  iad 
idir  cho  sona  's  a  tha  iad  an  drasda.  Tha 
cuimhne  agam  a  bhi  a  leughadh  bho  chionn 
ghoirid  mu  na  miltean  de  mhnathan  oga  a 


MATH  AS  AN  OLC 


tha  feitheamh  an  aiseig  do  America,  do 
Chanada,  do  Astralia,  do  Newfoundland, 
agus  do  Pholand,  agus  tha  dearbh  fhios 
again  mur  biodh  Hitler  gum  biodh.  moran 
dhiubh  fhathast  a'  niireag  ris  a'  chat  agus 
iad  gun  duine,  gun  dachaidh,  gun  leanamh 
beag. 

Bha  mi  a'  comhradh  ri  bodach  bho  chionn 
ghoirid  agus  dh'  innis  e  dhomh  gu  robh  e 
fein  a'  gabhail  beachd  air  gach  seorsa 
dhaoine  aig  an  robh  an  cairtealan,  an  am 
a'  Chogaidh,  dluth  air  an  tigh  aige,  agus  gu 
robh  e  de 'n  bheachd  gu  robh  cumhachd  talaidh 
bhan  aig  na  Poles  nach  robh  idir  aig  an 
fheadhainn  eile.  A  reir  a  bheachd-san 
chrim  iad  each  uile  gu  suirghe  is  suigeartaich. 
"Bha  iad,"  ars  esan,  "oho  dana  ris  na  cait 
agus  mur  biodh  na  b'  fhearr  rompa  nuair 
thigeadh  iad  dh'  fheuchadh  iad  ri  '  granny  ' 
fein  a  bhreugadh  a  mach  feuch  am  faiceadh 
i  Calum  na  gealaich  is  sgleo  air  a  shiiil." 

Is  iongantach  mar  rachadh  aca  air  comh- 
radh a  dheanamh  'nuair  nach  robh  Beurla 
no  Gaidhlig  aca  agus  bha  an  cainnt  fein 
cho  duilich  a  togail  le  sluagh  na  diithcha  so. 
Ach  ged  bha  an  teanga  rag  an  cainnt  a 
thuigeadh  sluagh  na  duthcha  bha  cainnt 
no  dha  eile  aca  a  thuigeas  sluagh  an  domhain 
gu  leir — cainnt  nan  suil,  nan  lamh  's  nam 
bilean  blath.  Phos  moran  dhiubh  nigheanan 
boidheach  as  an  duthaich  so,  agus  tha  cuid 
dhiubh  a  cheana  air  dol  do  Pholand.  Nuair 
chluinneas  mi  iomradh  air  cho  trie  's  a 
choinnich  's  a  phog  an  aird  an  ear  is  an 
iar  a  cheile,  re  a'  Chogaidh,  their  mi  rium 
fein  briathran  fear  na  bainnse,  "  cha  do 
choinnich  iad  riamh  mur  biodh  Hitler." 

Seallaidhean  an  tirean  c^in 

A  nis  smuainich  air  iomadh  fear  is  te  a 
chaidh  a  bhreith  is  arach  anns  na  glinn, 
chan  fhac  iad  an  sin  ach  beannta  arda  a' 
falaeh  an  cinn  's  na  neoil,  feidh  is  fraoch  is 
rainneach,  ach  an  uair  a  thoisich  an  Cogadh 
chaidh  an  gairm  gu  seirbhis  a  Chruin,  agus 
chaidh  iad  air  chosg  na  rioghachd  a  null 
thar  chuantan  do  iomadh  ce^rn,  agus 
chunnaic  iad  iomadh  sealladh  is  ionghnadh 
an  sin.  An  diugh  'nuair  thachras  iad  ort 
ni  iad  sgeul  dhuit  air  Jerusalem,  air  an 
Roimh  air  Baile  na  h-Aithne  agus  air 
iomadh  aite  eile  far  an  robh  iad  eolach. 
Chan  fhaiceadh  duine  na  seallaidhean  sin 
roimh  am  a'  Chogaidh  gun  airgiod  mor  a 
chosg,  ach  an  ^m  a'  Chogaidh  chunnaic  na 
miltean  iad  gun  sgillinn  ruadh  de'n  cuid 
fein  a  chosg.  Cha  robh  sud  air  tachairt 
mur  biodh  Hitler. 

Nuair  chaidh  Hitler  a  mach  le  fheachdan 
cumhachdach   gus   an   saoghal   uile    air    a' 


cheann  mu  dheireadh  a  chur  fo  a  chasan, 
bha  fhios  aig  na  h-eolaich  agus  aig  ceannardan 
an  Airm  nach  biodh  e  idir  soirbh  a  thilgeil 
bun  OS  cionn  agus  a  chumhachd  a  bhriseadh , 
agus  gu  feumamaid  gach  duine  a  b'urrainn 
cuideachadh  a  dheanamh  leinn,  mar  sin 
bha  feum  air  na  daoine  dubha  cho  math  ris 
na  daoine  geala.  Chaidh  iad  an  sas  's  an 
namh  an  iomadh  aite  far  am  freagradh  iad, 
agus  a  reir  fianuis  chaich,  bu  mhath  na 
dhail  iad. 

Mun  do  thoisich  an  Cogadh  gheobhadh 
tu  duine  dubh  a  dheanadh  obair  dhuit  na 
dhuthaich  fein  air  gle  bheag  paighidh  cho 
fad  agus  a  lionadh  tu  a  bhalg  le  "rice," 
ach  an  diugh  tha  sin  seachad,  feumaidh  e 
Ian  duals  fhaotainn,  oir  an  uair  a  bha  e  air 
falbh  bho  na  criochan  aige  fein  chunnaic  e 
mar  bha  daoine  eile  a'  tighinn  beo,  agus  an 
duals  a  bha  iad  a'  faotainn  gach  la,  uime  sin, 
bhoidich  e  nuair  thilleadh  e  dhachaidh 
nach  deanadh  e  idir  an  t-seann  obair  aig 
an  t-seann  phris.  Feumaidh  e  a  nis  paigh- 
eadh  math  fhaotainn  air  son  obair  sam  bith 
a  ni  e.  Cha  robh  e  air  eolas  fhaotainn  cho 
luath  idir  air  luach  a  shaothrach  mur  biodh 
Hitler,  Thainig  math  as  an  olc- 

Na  Tuathanaich 

Nuair  thainig  crioch  air  Cogadh  a'  Chesieir 
bha  dull  aig  na  tuathanaich  fein  agus  aig 
daoine  eile  nach  di-chuimhnicheadh  luchd- 
riaghlaidh  na  rioghachd  gu  brath  na  rinn 
iad  an  am  na  teanntachd  mhoir  sin  a  chum 
gum  biodh  biadh  gu  leor  aig  duine  agus  aig 
ainmhidh  nar  tir.  Cha  b'  ann  mar  sin  idir 
a  bha.  Nuair  bha  gach  cunnart  seachad 
agus  sith  air  an  t-saoghal  aon  uair  eile  thuit 
prisean  air  beathaichean  is  air  biadh,  agus 
cha  robh  iomadh  tuathanach  ach  a'  tighinn 
bed  air  eiginn.  Bha  moran  ann  d'  am  b' 
eudar  an  tuathanais  thoirt  suas,  an  cuid  a 
reic,  agus  an  cul  a  thoirt  ri  dachaidhean  a 
bha  aig  an  daoine  re  iomadh  bliadhna. 

An  diugh  tha  a  chilis  na's  fhearr ;  tha  an 
tuathanach  a  faotainn  cothrom  na  corach, 
agus  tha  car  de  fhios  aige  roimh  laimh  cia 
mar  bhios  prisean,  agus  ciod  an  cuideachadh 
a  gheobh  e  bho'n  St^t.  Cha  bhiodh  cor  an 
tuathanaich  idir  cho  math  an  diugh  mur 
biodh  Hitler. 

Amis  na  laithean  a  dh'  fhalbh  bha  sgalagan, 
ciobairean  is  buachaillean  air  paigheadh 
bochd,  agus  iad  a'  comhnuidh  an  droch 
thighean,  a  bha  neo  ghoireasach  agus  neo 
fhallain,  ach  an  diugh  tha  car  eile  ann  an 
adharc  an  daimh,  agus  tha  cuisean  dol  a  bhi 
m6ran  na's  fhearr. 

An  diugh  tha  duals  aig  gillean  nan  tuath- 
anach nach  robh  aca  riamh  roimhe,   agus 


AIG  AN  UINNEIG 


is  geal  a  choisinn  iad  sin.  An  uine  ghe^rr, 
ma  tha  gach  sgeul  fior,  bidh  tighean  ura 
aca  leis  gach  goireas  mar  tha  uisge  agus 
solus  agus  bidh  meas  orra  fein  agus  air  an 
obair  mar  bu  choir.  Faodaidh  ri  tim  an 
deidh  stri  mhor  a  dheanamh  gun  tigeadh 
na  rudan  sin  uile  gu  teachd.  Ach  se  Hitler 
a  ghreas  iad.     Thainig  math  as  an  olc. 

Crann  na  Ceusda 

Smuainich  a  nis  a  leughadair  gu  de 
thachair  air  Calbhari  bho  chionn  corr  agus 
naoi  ceud  deug  bliadhn  air  ais  nuair  bha  Mac 
Dhe  air  thalamh,  agus  e  naomh  agus  neo 
lochdach,  ach  ged  a  bha,  bha  naimhdean 
gu  leor  aige  agus  iad  'g  a  fheitheamh'  mar  dh' 
fheitheas  cat  luch,  feuch  am  faigheadh  iad 
coire  dha,  agus  an  toireadh  iad  cuis  dhitidh 
na  aghaidh.  Mu  dheireadh  fhuair  iad  a 
ni  bu  mhiann  leo,  rinn  iad  casaid  air  agus 
bha  e  air  a  dhiteadh  is  binn  a  bhais  air  a 
toirt  a  mach.  Chuir  iad  gu  hks  air  Calbhari 
e.  Nuair  thug  e  suas  an  deo  shaoil  iad 
nach  cuireadh  e  dragh  tuille  orra,  agus  a 
chionn  gu  robh  e  an  sas  aig  an  eug  nach 
eireadh  e  tuille  a  nios  as  an  uaigh.  Cha  b' 
ann  mar  sin  a  bha.  Air  an  treas  la  dh' 
eirich  e  le  buaidh  thairis  air  an  uaigh  agus 
air  a'  bhas,  agus  chunnaic  moran  e  thog 
fianuis  gu  robh  e  beo. 

Chunnaic  na  deisciobuil  e  an  deidh  dha 
eiridh,  arms  an  t-Seomar  Uachdrach  agus 
nochd  6  dhaibh  a  lamhan  agus  a  thaobh, 
'n  a  lamhan  bha  aile  nan  tairngean,  agus  na 
thaobh  bha  lot  na  sleagha.  Thuig  iad  air 
ball  gur  e  fein  a  bh'  ann. 

Bha  fear  de  na  deisciobuil  nach  robh  idir 
an  lathair  anns  an  t-Seomar  Uachdrach 
air  an  fheasgar  ud,  agus  cha  chreideadh  e 
idir  gu  robh  Criosd  beo,  ged  thuirt  an  deich- 
near  eUe  gu  robh.  Thuirt  e,  "  mur  faic 
mise  aileadh  nan  tairngean  na  lamhan  agus 
mur  cuir  mi  mo  mheur  ann  agus  mur  cuir 
mi  mo  lamh  na  thaobh  cha  chreid  mi." 


Ochd  l^ithean  an  deidh  sin  thainig  Criosd 
a  ris  far  an  robh  na  deisciobuil,  nuair  bha 
iad  cruinn  's  an  t-Seomar  Uachdrach  agus 
bha  Tomas  maille  riu.  Ghairm  Criosd  e  air 
ainm  agus  thuirt  e  ris,  "  cuir  an  so  do  mheur 
agus  feuch  mo  lamhan  agus  cuir  am  thaobh 
i  agus  na  bi  mi-chreideach  ach  creideach; 
Agus  an  uair  a  chunnaic  Tomas  a  choslas 
agus  a  chual  e  a  ghuth  cha  d'  iarr  e  an  corr 
dearbhaidh,  thuirte,  "  Mo  Thighearn  agus 
Mo  Dhia." 

'S  ann  is  math  do  na  Criosduidhean  an 
diugh  gu  robh  Tomas  cho  mi-chreideach 
oir  tha  e  na  dhearbhadh  ur  dhaibh  gu  bheil 
Criosd  beo,  agus  gu  bheil  e  a'  deanamh 
eadar-ghuidhe  air  an  son  anns  na  h-ardaibh. 

Nuair  bha  e  dliith  air  crioch  a  thuruis 
air  an  talamh  gheall  e  do  na  deisciobui[ 
gum  faigheadh  e  buaidh  thairis  air  an  uaigh 
agus  air  a'  bhas  agus  gum  bi  iad  maille  ris 
ann  an  gloir  nuair  bhriseas  an  la  agus  a 
theicheas   na   sgailean   air   falbh. 

"  Tha  mi,  ars  esan,  dol  a  dh  ullachadh 
aite  dhuibh,  ma  theid  mi  agus  gun  ullaich 
mi  aite  dhuibh  thig  mi  a  ris  agus  gabhaidh 
mi  sibh  am  ionnsaigh  fein  chum  far  a  bheil 
mise  gum  bi  sibhse  mar  an  ceudna. 

Tha  na  briathran  so  a  toirt  comhfhurtachd 
mor  do  n  dream  ata  ri  bron,  oir  tha  an 
dochas  aca  gum  faic  iad  a  ris  luchd  an  gaoil 
a  chaidh  a  sgaradh  uatha  an  so  air  an  taobh 
thall  de  n  uaigh,  far  nach  bi  bron  no  bas 
agus  far  an  slab  Dia  fein  gach  deur  bho  an 
siiilean. 

Uime  sin,  chan  eil  eagal  orra  dol  an 
coinneamh  a'  bh^is,  oir  tha  fhios  aca  gum 
bi  an  uaigh  dhaibh  mar  dhorus  neamh. 

"  FaUt  ort,  mata,  O  Uaigh ! 
'S  tu  dorus  neamh  dhomh  fein. 
Thug  Criosd  troimh  bhas  ort  buaidh 
'S  shaor  mi  bho  thruaigh  's  o  phein." 

Thainig  solus  as  an  dorchadas,  beatha  as 
a'  bhas,  agus  math  as  an  olc.  "^ 


Gailair  a'  Bhuntata 


Tha  mi  'g  a  sgriobhadh  so  ann  an  toiseach 
August,  a  cuimhneachadh  gur  ann  ceud 
bliadhna  an  ama  so  a  thoisich  galair  a' 
bhuntata,  rud  a  thug  barrachd  sgrios  air 
a'  Ghaidhealtachd  agus  na  h-Eileanan  na'n 
da  chogadh   mhor   mu   dheireadh. 

Thoisich  an  galair  an  Eirinn  an  1845, 
ach  cha  do  rainig  e  Albainn  gu  1846.  Mu 
mheadhon  July  bha  daoine  a'  faicinn  gu 
robh  e  air  toiseachadh  an  sud  agus  an  so, 
ach  mu  mheadhon  August  bha  na  h-achaidh- 


ean  agus  na  h-iomairean  buntata  dubh 
leis,  air  chor  agus  nach  b'  fhiach  iad  an 
togail  agus  nach  gabhadh  am  buntata 
itheadh  aig  an  t-Samhuiim. 

Aig  margadh  na  h-olann  an  lonar-nis 
an  1846  b'e  galair  a'  bhuntata  toiseach 
is  deireadh  an  t-seanchais  aig  gach  oisean 
sraide.  Bha  prisean  uan  is  chaorach  na 
b'  fhearr,  uain  dhubh-cheannach  a'  deanamh 
ochd  no  naoi  tasdain,  crogaichean  deich 
tasdain  gu  tri  deug,  agus  tri-bhliadhnaich 
mhuilt  tri  deug  gu  ceithir  tasdain  fhichead. 


AIG  AN  UINNEIG 


Bha  gainne  dheistiimeach  anns  na  Hearadh 
anns  an  t-samhradh.  Bha  an  sluagh  gun 
bhuntata,  .  gun  mhin,  a'  tighinn  beo  air 
maorach  a'  chladaich  agus  air  siolagan  a 
bhiodh  iad  a'  buain  as  an  traigh  air  traigh- 
mhor  Scarasta. 

A  mach  o'n  bhuntata  bha  am  barr  eile 
gle  mhaith  an  1846  ach  cha  robh  de  shiol 
a'  fas  air  a'  Ghaidhealtachd  na  bheathaich- 
eadh  a'  cheathramh  cuid  de'n  stoe  dhaoine 
a  bha  oirre.  Rainig  an  galair  Machair 
Rois  agus  taobh  shear  na  dtithcha  air  fad, 
ach  cha  robh  e  oho  dona  an  sin  's  a  bha  e 
anns  a'  Ghaidhealtachd,  agus  cha  mho  a 
bha  muinntir  na  h-aird  an  ear  ag  itheadh 
uiread  buntata  ri  muinntir  na  Gaidhealtachd. 

Chiiir  tighearnan-fearainn  agus  daoine 
eile  an  cinn  ri  cheile  a  dh'  fhaotainn  cuideach- 
do'n  t-sluagh.  Fhuair  iad  sin  gu  toileach 
agus  gu  fialaidh,  as  na  bailtean-mora,  a 
Sasunn,  agus  o'n  Riaghaltas.  Sin  mar 
thainig  "  min  nam  bochd  "  do'n  Ghaidh- 
ealtachd. 

Bha  a'  chuid  mhor  de  na  h-uachdarain 
faireachdail  a,gus  coibhneil  ris  an  t-sluagh 
a  bha  'n  an  eigin,  agus  rinn  iad  dealbh  air 
obair  a  thoirt  dhaibh  leis  an  coisneadh  iad 
airgiod    a    cheannaicheadh    min,    gun    bhi 


air  an  narachadh  le  deirc  a  ghabhail. 
Anns  an  leabhar  air  an  robh  mi  a'  bruidhinn 
anns  an  aireamh  mu  dheireadh  tha  Evander 
Mac  lomhair  ag  innseadh  ciod  a  rinn  Diuc 
Chataibh  an  uair  a  bha  a  thuath  fhein  ann 
an  droch  staid.  Chuir  e  suim  mhor  airgid 
an  laimh  a'  bhaillidh,  gus  obair  agus  biadh 
a  thoirt  do  na  croitearan  agus  do  na  coitearan 
air  an  oighreachd,  ag  earalachadh  air  gun 
an  t'-acras  a  leigeil  air  neach  air  bith.  Cha 
robh  e  furasda  an  t-airgiod  a  riaghladh  gu 
ciiramach  agus  gu  cothromach  ann  an 
sgireachdan  farsuing  far  nach  b'aithne  dha 
gach  duine  agus  teaghlach,  ach  rinn  e  a 
dhichioll.  Ach  a  dh'aindeoin  fialaidheachd 
na  duthcha,'  agus  coibhneas  is  dichioll  nan 
Comunn  a  bha  ag  oibreachadh  gun  sgur  a 
leasachadh  cor  na  Gaidhealtachd,  bha  cor 
na  Gaidhealtachd  cho  deistinneach  's  gu'n 
goirtich  e  do  chridhe  a  bhi  a'  euimhneachadh 
air — -daoine  laidir  a'  faicinn  am  mnathan 
agus  an  clann  ruisgte  agus  acrach,  gun 
chomas  air  biadh  no  aodach  a  thoirt  dhaibh — 
agus  mu  dheireadh  cha  b'urrainn  iad  an 
crannchur  bhronach  fhulang  na  b'  fhaide  is 
chuir  iad  romhpa  dol  thar  chuan  an  dochas 
gu'm  faigheadh  iad  dachaidh  a  b'  fhearr 
an  Canada  no  an  Astralia. 


Leirsgrios  Shenacherib-2  Righ  xix  35. 


Thainig  Aisireach  sladach  mar  mhadadh  air 

trend. 
Is  a  chathan  le  purpar  is  or  m,ar  an  send. 
Is  lainnir  a  shleaghan  mar  reultan  air  cuan 

Far   'eil  dubh-thonn  an  Galaili   bualadh  gu 
buan. 

Mar  dhuilleach  na  coille  san  t-samhradh  fo 

bhlath 
Chunnacas    feachd    od    nam    bratach    's    a" 

ghrian  dol  mu  thamh  ; 
Mar  dhuilleach  san  fhoghmhar  crion  's  gaoth 

air  a  chul 
Bha  'n  lan-fheachd  am  maireach  ri  charadh 

san  iiir. 

Sgaoil  aingeal  a'  bhais  sgiathan  ard  's  e  'n 

a  dheann, 
Thuu-ling  anail  mhain  air  gach  ban-ghnuis 

a  bh'  ann, 
Dh'  fhas  siiilean  a'  chadalaich  rag-fhuar  sa' 

chas 
'S  rinn  a  chridhe  le  aon-aomadh  claonadh 

gu  brath. 


An    sid    bha    'n    t-each   leumnach,    closach 

bhreun  's  e  gun  deo. 
Gun  uamhar  'n  a  cheum  is  gun  seitrich  na 

shroin, 
Bha   cobhair  a   bhas-spairn  laighe   ban  air 

an  fheur 
E  cho  fuar  's  a  nidh  stuaghan  air  cruaidh- 

chreagan  cein. 

Sid  am  maraich  leis  sinte,  sgeunach  millte 

gun  dail. 
An  driuchd  air  a  ghuius,  a'   mheirg  iir  air 

a  mhail  ; 
Tha  'm  biithan  gun  siigradli,  am  brataichean 

trom, 
Air  sleagh  chan   'eil  sealladh   's  tromp  nan 

sgal  air  an  tom. 

Tha     bantraichean    Aisir    gu    tais    le     ran 

craidht', 
Teampul  Bhaail  le  iodholan  briste   's  gach 

ait, 
Agus  mor-neart  nan  cinneach  nach  tilleadh 

roimh  bheum 
Air    leaghadh    mar    shneachda    fo    smachd 

amharc  Dhe. 


[Air  a  tharruinn  o'n  Bheurla  aig  a'  Mhorair  MacAmhlaidh 
'  leis  an  Urramach  Calum  Mac  Gilleathan,  Conan.) 


Aireamh  12 


1946 


Seomar  an  righ 

Le  G.  F.  Barbour,  D.Phil. 
D'a  shedmraichibh  threoraich  an  Righ  mi. — Dan  Sholaimh  i.  4. 


(Ri  taobh  an  rathaid  am  Fonn-chaisteil  tha 
tigh  beag  grinn  a  tha  air  uisneachadh  air 
laithean  na  seachduin  mar  thigh-sgoile, 
agus  air  feasgar  na  Sabaid  mar  thigh- coin- 
nimh.  Tha  an  tigh-coinnimh  so  air  a 
chumail  suas  leis  an  uachdaran,  an  t-OUamh 
G.  F.  Barbour,  duine  aig  a  bheil  uidh  anns 
gach  aobhar  maith  air  thalamh  agus  aig  a 
bheil  uidh  gu  sonraichte  ann  an  rioghachd 
Dhe.  Tha  an  duine-uasal  so  'n  a  fhoirbheach 
anns  an  Eaglais,  agus  gle  bhitheanta  bithidh 
ministearan  foghluimte  a'  fuireach  leis  mar 
aoighean.  Bidh  na  ministearan  sin  air 
uairean  a'  searmonachadh  air  feasgar  na 
Sabaid  anns  an  tigh-choinnimh  ud,  air 
chor  agus  gu  bheil  cothrom  aig  muinntir 
Fonn-chaisteil  air  eisdeachd  ri  cuid  de  na 
diadhairean  as  ainmeile  anns  an  tir.  Am 
measg  na  feadhnach  eile  a  shearmonaich 
innte  bho  na's  cuimhne  leam  fhein,  shear- 
monaich Eanruic  Drummond  ;  agus  Seoras 
Adam  Smith  ;  agus  Raibeart  Rainy  ;  agus 
an  t-Ollamh  Alasdair  Whyte  nach  maireann. 
Ach  an  drasd  's  a  rithist. bithidh  an  t-uach- 
daran  fhein  a'  dol  air  cheann  na  seirbhis, 
agus  bu  mhaith  leam  fear  de  na  searmoin 
aige  a  chur  sios  air  an  duilleig  so,  a  dh' 
fheuchainn  am  brosnaich  sin  cuid  de  na 
foirbhich  eile  gu  oibrichean  maithe.  Bha 
coir  aig  foirbhich  dol  air  cheann  seirbhis 
na's  trice  na  tha  iad  a'  deanamh. 

Bha  an  searmon  so  air  a  liubhairt  am 
Beurla  ach  chuir  mi  fhein  an  Gaidhlig  e. 
B'e  an  ceann-teagaisg  ;  D'a  shedmraichibh 
threoraich  an  Righ  mi  (Dan  Sholaimh  i.  4)  ; 
briathran  a  tha  air  an  sgriobhadh  os  cionn 
ard-dorus  am  tighe  bhig  ud.) 

A  h-uile  feasgar  Sabaid  a  thig  sibh  a 
steach  do'n  tigh  so,  ma  thogas  sibh  'ur 
siiilean,  chi  sibh  na  .briathran  so  ;  chi  a' 
chlann  iad  cuideachd  air  laithean  na  seach- 
duin. Is  rud  soluimte  e  briathran  mar  so 
fhaicinn  air  an  sgriobhadh  air  na  ballachan 
oir  tha  iad  a'  togail  fianuis  gu  bheil  fiughair 
againn  ri  nithean  mora  anns  an  tigh  bheag 
so.  Chan  ann  air  sgath  am  fuaim  no  am 
maise  a  chuireadh  na  briathran  so  os  cionn 


an  doruis  ach  a  chionn  gu  bheil  iadsan  a  ni 
aoradh  do  Dhia  an  spiorad  agus  am  firinn 
a'  dol  a  steach  an  da  rireadh  do  sheomraich- 
ibh  an  Righ, 

1.  Sedmar  an  R^gh 

Ann  an  aon  seagh  tha  e  d^na  dhuinn 
seomar  an  Righ  a  radh  ri  tigh  beag  gun 
sgiamh  gun  mhaise  mar  tha  an  tigh  so,  ach 
chan  e  meudachd  no  maise  tighe  a  bhios  a' 
ceangal  cridheachan  dhaoine  ris,  ach  ni- 
eigin  eile  nach  buin  do'n  t-suil  idir. 
Faodaidh  tigh  no  eaglais  a  bhi  gun  eireach- 
das  o'n  leth-a-muigh,  ach  fathast  a  bhi  cho 
ainmeil  's  gu'n  tig  coigrich  'g  am  faicinn  a 
ceithir  ranna  ruadha  an  domhain. 

Tha  Betlehem  agus  Nasaret  an  diugh  gun 
mhaise  gun  eireachdas  o'n  leth-a-muigh,  ach 
tha  greim  aca  air  cridheachan  dhaoine  a 
chionn  gur  ann  annta  a  rugadh  agus  a  tho- 
gadh  losa.  Chan  'eil  ann  an  I-Chalum- 
Chille  ach  eilean  beag  lom,  ach  air  sgath  an 
duine  naoimh  a  las  coinneal  an  t-soisgeil  ann, 
agus  a  thug  an  tiodhlac  beannaichte  sin  do 
Albainn,  tha  eilean  I  an  diugh  'n  a  ionad 
naomh  an  suilean  dhaoine.  Bha  fhios  aig 
Calum-cille  fein  gu'm  biodh  sin  mar  sin ; 
"  Ged  is  beag  agus  bochd  an  t-aite  so,"  ars 
esan,  "  gidheadh  gheibh  e  urram  mor  fhath- 
ast,  chan  ann  a  mhain  o  righrean  na  h-Alba 
ach  o  righrean  choimheach  is  chinneach  a  tha 
fad  as."  Thug  Calum-cille  agus  a  chompan- 
aich  ainm  agus  inbhe  do  eilein  beag  I  nach 
d'  fhuair  luchairt  righ  riamh  an  Albainn. 

Mar  so  chan  e  a'  cheist  as  prionnspalaiche 
mu  thogail  air  bith,  A  bheU  i  maiseach  ?, 
ach  ciod  a  gheibhear  innte  ?  Agus  c6  a 
choinnicheas  ruinn  innte  ?  Ma  thachras 
neach  mor  oirnn  innte  tha  sin  fein  a'  deanamh 
na  togalach  mor  is  maiseach  ;  ma  thachras 
caraid  oirnn  innte  tha  sin  a'  deanamh  na 
togalach  blath  dhuinn  mar  gu'm  bitheamaid 
aig  an  tigh.  Ach  ma  bhios  comhdhail  againn 
ri  Dia  innte,  ni  sin  an  togail  'n  a  thigh  Dhe 
agus  'na  gheata  neimh  dhuinn,  air  cho  beag 
iosal  agus  'gu  'm  bi  i. 

Ma's  e  an  tigh  so,  mata,  agus  gach  4ite  eile 
anns    an    cruinnich    daoine    a    dheanamh 


SEOMAR  AN  RIGH 


aoraidh  do  Dhia,  seomar  an  Righ,  ciamar  a 
bu  choir  dhuinn  sinn  fein  a  ghiulan  ann.  Bu 
choir  dhuinn  tighinn  ann  le  urram  agus 
eagal  diadhaidh.  Bidh  daoine  a  tha  air  an 
gairm  an  l^thair  an  righ  'g  an  ullachadh 
fein  an  doigh  fhreagarrach  roimh  laimh, 
los  nach  toir  iad  eas-urram  do'n  righ  a 
ghairm  iad.  Chan  e  mhain  gu'm  bi  iad 
ciiramach  gu'm  bi  an  t-aodach  ceart  orra, 
agus  gu'm  bi  na  modhanna  ceart  aca  o'n 
leth-a-muigh,  ach  bidh  iarrtus  aca,  ma's 
daoine  iad  a  tha  dileas  do'n  righ,  air  an 
dilseachd  a  tha  'n  an  cridhe  a  nochdadh  dha 
le  an  gitdan. 

Ma  tha  sinne  a'  creidsinn  gu  fior  an  ni  a 
tha  sinn  ag  aideachadh,  gu  bheil  sinn  a'  dol 
a  steach  an  lathair  an  Righ  gach  uair  a  thig 
sinn  do'n  tigh  so  a  dheanamh  urnuigh,  an 
lathair  Righ  a  tha  glormhor  os  cionn  uile 
righrean  .  na  talmhainn,  nach  bu  choir 
dhuinn  a  nochdadh  le  ar  giulan  an  fhaireach- 
duinn  a  tha  againn  'n  ar  cridheachan  air 
morachd  agus  naomhachd  an  Ti  ghlormhor 
sin! 

B'e  so  an  cuspair  air  an  do  rinn  an  diadh- 
air  Newman  fear  de  na  searmoin  a  bu 
drtiidhtiche  a  shearmonaich  e  riamh,  Urram 
a'  sruihadh  o  chreideamh  an  lathaireachd 
DM.  Thubhairt  e  gur  e  an  luasgan,  agus 
an  an-fhois,  agus  an  sgiths,  agus  an  cion-aire, 
a  bhios  air  daoine  ann  an  tigh  an  Tighearna, 
comharran  cinnteach  nach  'eil  faireachduinn 
no  dtiil  aca  gu  bheil  Dia  maille  riu  no  dliith 
dhaibh.  Na'n  robh  iad  a'  faireachduinn  no 
a'  creidsinn  an  da  rireadh  gu  robh  Righ  nan 
righrean  maille  riu  nochdadh  iad  e  le 
soluimteachd  agus  mor-urram  an  giulain. 
An  diugh  fhathast,  gach  uair  a  thig  sinn 
dltith  do  Dhia,  tha  an  seann  fhacal  a' 
labhairt  ruinn,  "  Cuir  dhiot  do  bhrogan 
bharr  do  chosa,  oir  an  t-aite  air  a  bheil  thu 
ad  sheasamh  is  talamh  naomh  e." 

Ach  a  thuilleadh  air  tighinn  an  lathair  an 
Tighearna  le  urram  bu  choir  dhuinn  tighinn 
'n  a  lathair  le  diiil  ri  nithibh  maithe.  Tha 
Dia  an  da  chuid  comasach  agus  deonach  air 
nithibh  maithe  a  thoirt  dhuinn.  Tha  ar 
fiosrachadh  arms  na  laithean  a  dh'  fhalbh  ga 
innseadh  so  dhuinn  ;  ach  ma  thug  Dia  bean- 
nachdan  mora  agus  priseil  dhuinn  cheana 
tha  beannachdan  is  mo  agus  is  priseile  aige 
a'  feitheamh  oirnn  fhathast.  Tha  cuimhne 
aig  cuid  agaibh  air  na  searmoin  a  bhiodh  an 
diadhair  urramach,  Alastair  MacGille-bhain 
a'  toirt  dhuinn  arms  an  tigh  so,  gu  sonraichte 
na  searmoin  a  bhiodh  e  a'  toirt  dhuinn  mu 
urnuigh  ;  tha  cuimhne  agaibh  mar  a  bhiodh 
e  a'  tighinn  thairis  air  an  laoidh  ud  a, rinn 
Iain  Newton,  0  m'anam  thig  le  d'  chitis  gu 
Dia  ;  laoidh  anns  ar  bheil  Newton  ag  iarraidh 


oirnn  iarrtusan  mora  agus  rioghail  a  chur 
an  lathair  Dhe,  a  chionn  gur  Righ  Dia. 
"  larraibh  agus  gheibh  sibh  ;  buailibh  agus 
fosglar  dhuibh." 

Ma  tha  sinne  a'  creidsinn,  mata,  an  uair 
a  thig  sinn  a  dheanamh  aoraidh  anns  an 
tigh  so  gu  bheil  sinn  a'  dol  a  steach  do 
sheomar  an  Righ  ghlormhor  so,  cha  tig  sinn 
'n  a  lathair  mar  dhaoine  a  tha  dol  ann  air 
sgath  an  fhasain,  ag  uisneachadh  bhriathran 
naomha  mar  nach  robh  annta  ach  briathran 
aotrum  gun  bhrigh  ;  thig  sinn  'n  a  lathair 
le  iarrtusan  anama  cho  ard  ris  an  speru"  agus 
cho  domhain  ris  a'  chuan.  Thig  sinn  thuige 
mar  chloinn  gu  athair  caomhail  a  tha  feith- 
eamh gus  na  nithean  as  fhearr  a  thoirt 
daibh. 

Ach  chan  ann  a  dh'  iarraidh  thiodhlacan 
uile  gu  leir  a  bhios  daoine  a'  dol  a  steach  an 
lathair  mhaithean  agus  righrean ;  tiodh- 
lacan  air  a  thoirt  dhaibh  gun  teagamh  ach 
tha  cumhachan  is  Mtheantan  air  a  thoirt 
dhaibh  mar  an  ceudna.  Tha  sinne  a'  dol 
do  sheomar  an  Righ  an  nochd  a  chluinntinn 
ciod  a  tha  aige  ri  r^dh  ruinn  agus  ciod  a  tha 
e  ag  iarraidh  oirnn  a  dheanamh.  An  lathair 
an  R,gh  tha  fiughair  againn  ri  aoibhneas, 
ach  tha  fiughair  againn  cuideachd  gu'm 
foillsich  e  a  ruintean  agus  a  thoil  dhuinn. 
A  h-uile  feasgar  Sabaid  a  bhios  sinn  a'  fagail 
an  tighe  so  bu  choir  dhuinn  fhoighneachd 
dhinn  fein,  an  d'  fhuair  mi  an  tuilleadh 
colais  an  nochd  air,  toil  Dhe  d'am  thaobh, 
agus  a  bheil  iarraidh  a'm'  chridhe  air  an 
t-solus  iir  sin  a  leantuinn  ?  Ma  tha,  bha  an 
tigh  so  gu  firinneach  'n  a  sheomar  an  Righ 
dhuinn. 

2.  Na  h-aoighean 

Dh'  fhaodainn  moran  a  radh  mu'n  t-seorsa 
dhaoine  a  theid  a  steach  do  sheomar  an  Righ  ; 
ciamar  a  fhuair  iad  cuireadh  agus  car  son  a 
fhuair  iad  e.  Thubhairt  mi  ni-eigin  cheana 
mu'n  staid  inntinn  agus  cridhe  a  tha 
freagarrach  dhaibhsan  a  theid  a  steach  do'n 
t-seomar,  ach  ged  tha  e  fior  gur  maith  leo 
a  bhi  airidh,  chan  ann  a  chionn  gu  bheil 
iad  airidh  a  theid  gin  dhiubh  a  steach  ach 
a  chionn  gu'n  tug  an  Righ  cuireadh  dhaibh, 
cuireadh  flathail  uasal. 

An  ceart  da  rireadh,  cha  bhiodh  aon  idir 
againn  anns  an  ionad  so  a  nochd  mur  b'e 
gu'n  robh  lamh  laidir  agus  Ikmh.  chaomh  an 
Tighearna  'g  ar  treorachadh  ann.  Cia 
meud  neach  agus  ni  a  bha  a'  comh-oibreach- 
adh  r'a  cheile,  ann  am  freasdal  an  Tighearna, 
gus  an  cothrom  so  a  thoirt  dhuinne  air 
cruinneachadh  an  so  comhla  an  nochd.  An 
leabhar  naomh  as  an  do  leugh  sinn ;  na 
laoidhean  a  sheion  sinn ;    an  t-saorsa  a  tha 


ANNS  A  CHATHAIR 


againn  aoradh  a  dheanamh  do  Dhia  a  r^ir 
ar  toile  ;  — cha  sinne  a  rinn  no  choisinn  gin 
de  na  nithean  sin.  Fhuair  sinn  iad  mar 
dhileab  ;  tiodhlacan  beannaichte  o  l^imh  an 
Tighearna. 

An  luchd-aoraidh  a  tha  cruinn  anns  an 
tigh  so  an  nochd,  tMinig  iad  ann  a  iomadh 
kite  agus  air  iomadh  rathad,  agus  fheum  is 
urnuigh  fein  an  cridhe  gach  neach.  Ach  is 
e  an  Righ  fein  a  thug  ann  sinn  uile,  agus 
is  e  a  l^mh  a  threoraich  sinn  d'a  sheomar. 
Car  son  a  thug  e  ann  sin  ?  Thug,  a  chum 
gu'n  deanamaid  seirbhis  dha,  agus  a  chum 
gu'm  fanamaid  maille  ris. 

An  lathair  an  Righ  anns  an  t-seomar  tha 
a  sheirbhisich  a'  faotainn  aitheantan  an 
Righ  ;  an  uair  a  thig  iad  a  mach  as  tha  e 
iomchuidh  gu'm  biodh  an  casan  agus  an 
lamhan  luath  a  chur  toil  an  Righ  an  ceill. 
Ach  ciod  a  tha  air  a  chiallachadh  le  bhi  fan- 
tuinn  maille  ris  ?     An  gabh  sin  deanamh  ? 


Ann  an  tiine  ghoirid  bidh  ar  coinneamh  an 
nochd  uUamh  ;  gabhaidh  gach  aon  againn  a 
rathad  fein  dhachaidh  ;  an  sin  fois  na  h- 
oidhche,  agus  am  m^ireach  theid  sinn  air 
cheann  ar  gnothuichean  saoghalta  mar  is 
abhaist.  Th^inig  sinn  do'n  tigh  so  air  son 
uair  a  dh'  iiine  ;  theagamh  gu  bheil  sinn 
toilichte  gu'n  t^inig,  ach  ciamar  a  dh'  fhanas 
sin  an  seomar  an  Righ,  no  an  lathair  an 
Righ,  an  uair  a  dh'  fhagas  sinn  e.  Fanaidh 
a  chionn  gu  bheil  l^thaireachd  Dhe  gu 
spioradail  chan  ann  ann  an  tighean  a  tha 
air  an  togail  le  clach  is  aol  ach  ann  an 
cridheachan  a  shluaigh.  "  Is  sibhse  team- 
pull  Dhe,  agus  tha  spiorad  Dhe  a'  comhnuidh 
annaibh." 

Aon  ni  a  mhiannaich  mi  o  Dhia  ; 
Gu  minic  iarram  e  : 
A  bhi  a'm'  chomhnuidh  feadh  mo  la 
An  tigh  's  an  an  kros  Dhe. 


Anns  a'  Chathair 


BHO  chionn  ghoirid,  ann  am  paipear  son- 
raichte,  bha  litir  air  a  sgriobhadh  le  athair 
teaghlaich,  a'  foighneachd  an  tugadh  duine 
air  bith  dha  ainm  sgoile  a  bhiodh  freagarr- 
ach  air  son  a  mhic.  Chuir  e  sios  air  ghad  na 
nithean  a  dh'  fheumadh  am  balach  fhaotainn, 
a'  toiseachadh  aig  a'  bhiadh  agus  a'  crioch- 
nachadh  aig  leas  anama.  Am  measg  nithean 
eile  a  thubhairt  e  thubhatrt  e  gu'n  do 
shiubhail  e  Breatunn  agus  nach  do  thachair 
an  seorsa  sgoile  air  a  bha  dhith  air. 

Bha  moran  a  dhith  air  an  duine.  A 
thuilleadh  air  corp  a  bhalaich  a  dheanamh 
sl^n  agus  laidir,  bu  mhaith  leis  gu'n  deanadh 
na  maighstirean- sgoile  duine  dheth  ;  duine 
a  smuainicheadh  air  a  shon  fein,  a  bhiodh 
misneachail  is  firinneach,  mothachail  air 
gloir  agus  maise  an  t-saoghail.  Bu  mhaith 
leis  na  maighstirean- sgoile  a  bhi  'n  an 
daoine  spioradail,  comasach  air  inntinn  a' 
bhalaich  fhosgladh  do  na  feartan  diomhair  a 
tha  teachd  o'n  t-saoghal  neo-fhaicsinneach, 
— bha  sin  agus  moran  eile  a  dhith  air  an 
duine. 

Tha  moran  de  ph^rantan  an  t-saoghail  so 
ag  iarraidh  air  na  sgoilean  miorbhuilean  a 
dheanamh  nach  urrainn  cumhachd  air  tha- 
lamh  a  dheanamh.  Tha  iad  a'  toirt  cloinne 
a  steach  do'n  t-saoghail  air  am  puinnsean- 
achadh  le  droch  dhuthchas  ;  an  uair  a 
ruigeas  fear  de  na  seotachan  sin  coig  no  se 
bhadhna  a  dh'  aois  beiridh  iad  air  chaol- 
dtiirn  air  agus  litibhraidh  iad  e  do  na  maigh- 
stirean-sgoile,  is  their  iad  riu,  "  Deanaibh 
duine  dheth." 


Na'n  robh  na  maighstirean  -  sgoile  cho 
onarach  agus  neo-eisiomaileach  's  a  bu  choir 
dhaibh  dh'  innseadh  iad  do  na  parantan 
nach  gabh  an  rud  deanamh.  Ach  cha  dean 
iad  sin.  Tha  a'  mhor-chuid  dhiubh  fein 
de'n  cheart  bheachd  ris  na  parantan  ;  tha 
iad  an  dull  gu  bheil  buaidh  aca  thairis  air 
inntinn  is  gne  na  cloinne  nach  'eil  aca  idir. 
Anns  na  laithean  deireannach  so  tha  barr- 
achd  de  chainnt  gun  chiall  agus  de  ghloramas 
faoin  air  a  labhairt  mu  obair  nan  sgoUean 
agus  mu  ionnsachadh  na  cloinne  na  tha  air 
a  labhairt  mu  chuspair  air  bith  eile.  Tha 
daoine  an  dtiil  nach  'eil  aca  ach  a'  chlann  a 
liubhairt  thairis  do'n  luchd-teagaisg  is  air- 
giod  gu  leoir  a  chosd  gus  an  ionnsachadh, 
agus  an  sin  gu'm  bi  frith-rathad  air  fhos- 
gladh a  steach  do  thir  a'  gheallaidh.  Ach 
chan  'eil  an  sin  ach  beachd  diomhain ; 
ruagadh  na  gaoithe. 

(1)  Is  treasa  diithchas  na  oilean. 

(2)  Cha  chuir  sgoil  barrachd  tuir  ann  an 
duine  na  tha  ann  gu  n^durra. 

(3)  Chan  'eil  a'  chuid  mhor  de  chloinn  comas- 
ach air  dad  ionnsachadh  nach  fhaodadh 
a  bhi  aca  aig  deich  bhadhna. 

(4)  Chan  'eil  e  idir  cho  soilleir  's  a  bha  sinn 
aon  uair  an  dull  gur  buannachd  do'n 
rioghachd  gu'm  biodh  ionnsachadh  air  a 
chothachadJi  air  daoine  aig  nach  'eil 
iarraidh  air. 


BUIDHEACHAS  AIR  SON  AN  FHOGHAIR 


(5)  Mar  is  m6  a  thatar  a'  cosd  air  na  sgoilean 
is  ann  is  mo  a  tha  ciobaireachd  an  t- 
sluaigh  a'  f^s,  agus  is  cinntiche  a  tha  an 
luchd-riaghlaidh  nach  urrainn  daoine 
sealltuinn  as  deidh  an  gnothuich  fhein. 

Tha  othail  is  goileab  gu  leoir  a'  dol  air 
aghaidh  mu  oileanachadh  na  cloinne  ;  tha 
togalaichean  mora  'g  an  cur  suas  anns  a  bheil 
foghlum  air  a  dhortadh  annta  le  ladar,  ach 
ma's  e  is  deireadh  do'n  obair  sin  uile  gu'm  bi 
ciobair  air  fhichead  air  an  fhichead  duine 
anns  an  rioghachd,  nach  bu  cho  maith  dhuinn 
leigeil  leis  a'   chloinn  a  bhi  mar  bha  iad! 


Nach  bu  cho  maith  dhuinn  leigeil  le6  f^s 
suas  mar  gu'm  biodh  na  h-asailean-fiadhaich 
air  na  raontan. 

Tha  e  na  aobhar-ghearain  an  aghaidh 
obair  nan  sgoilean  an  diugh  nach  'eil  iad 
a'  dearbhadh  an  aineolais  air  a'  chloinn. 
Tha  a'  chlann  a'  fagail  na  sgoile  agus  iad 
an  diiil  nach  'eil  dad  air  an  t-saoghal  nach 
aithne  dhaibh,  agus  nach  'eil  diomhaireachd 
air  an  t-saoghal  nach  'eil  iad  a'  tuigsinn. 
Ach  is  e  tus  a'  ghliocais  agus  tus  an  eolais 
gu'm  biodh  aineolas  fein  air  a  dhearbhadh 
air  duine. 


Buidheachas  air  son  an  Fhoghair 


Le  Colla  Ddmhnullach,  D.D. 


IS  maith  buidheachas  agus  moladh  a 
thabhairt  do  Dhia,  a  chionu  gu  'm  bheil 
"  gach  uile  dheadh  thabhartas  agus  gach 
uile  thiodhlac  iomlan  o  'n  airde  a'  teachd  a 
nuas  o  Athair  na  soillse." 

Nach  e  ar  dleasnas  air  an  aobhar  sin 
buidheachas  agus  moladh  a  dhioladh  Dhasan 
a  tha  frithealadh  le  laimh  shaibhir  do 
na  h-uile  dhaoine.  Chan  'eil  mi  ag  radh  no  a 
ciallachadh  gur  e  buidheachas  a  mhain 
priomh  aobhar  ar  cruinneachaidh  ann  an 
tigh  Dhe.  Ach  tha  aon  staid  inntinn  o  'n 
tionndaidh  Dia  a  ghniiis  agus  is  e  sin.  spiorad 
gearanach,  mi-thaingeil.  'Nar  measg  fein 
cha  toil  leinn  luchd  cithein  is  canrain,  am 
fear  a  tha  sealltainn  air  a  chruaidh-chas 
gus  nach  leir  dha  aon  trocair  'na  chrannchur. 
Is  lionmhor  failinn  a  tha  'g  ar  leantuinn, 
cuid  dhiubh  air  bheag  lochd  'n  ar  suilean 
ach  bha  mi-thaingealachd  am  measg  gach 
cinneach  agus  anns  gach  linn  gun  lethsgeul, 
gun  dion. 

Is  trie  a  ghabhas  daoine  lethsgeul  luchd 
na  h-eucoir,  ach  cha  labhair  neach  facal  as 
leth  an  fhir  a  tha  mi-thaingeil.  Am  fear 
a  thionndas  air  a  charaid,  a  leonas  lamh  na 
scire  agus  a  phaigheas  cairdeas  le  naimhdeas, 
tuitidh  buille  gach  neach  air,  agus  crioch- 
naichidh  e  a  thurus  gun  ch^irdean.  Ma  iiha 
taingealachd  anns  a'  chridhe  thig  dearbhadh 
air  ged  a  bhitheas  briathran  a  bhuidheachais 
gann.  Ged  a  bhitheas  sinn  gle  bhalbh  ann 
an  lathair  ar  cairdean,  faodaidh  sinn  a  bhi 
taingeU  gu  leoir,  ach  tha  tiodhlacan  Dhe  cho 
lionmhor  agus  cho  comharraichte  agus  gu'n 
tig  sinn  fo  amharus  mur  an  teid  sinn  d'a 
chtiirtibh  le  moladh. 

Am  bheil  e  ceart  buidheachas  a  thoict  do 
Dhia  mur  leir  dhuinn  a  mhaitheas  agus  a 
throcair  ?      Tha    sinn   da-rireadh   dall   mur 


an  leir  dhuinn  trocairean  Dhe.  Ciod  air 
bith  ar  suidheachadh  chan  'eil  sinn  gun 
chomaine  do  Dhia. 

Fianuis  an  diadhair 

An  uair  a  chaill  an  diadhair  ainmeil, 
leremiah  Mac-an-tailleir  a  chuid  agus  a 
dhachaigh  agus  a  bha  na  maoir  ann  an 
seilbh  a  thigh  e,  sgriobh  e  na  briathran  so — 
"  tha  mi  air  tuiteam  ann  an  lamhan  nam 
maor  agus  nam  meirleach  agus  thug  iad 
bhuam  gach  ni  a  bh'  agam.  Ciod  mata  ? 
Seallam  mu'n  cuairt  orm.  Cha  d'  thug  iad 
bhuam  a'  ghrian  agus  a'  ghealach.  Tha 
bean  hio  ghraidh  agam  agus  cairdean  a 
nochdas  caoinahneas  rium  agus  cuid  a  ni 
comhnadh  leam.  Theid  agam  fathast  air 
searmonachadh,  agus  mur  togair  mi,  cha 
chaill  mi  mo  chridhealas.  Is  leam  fein  mo 
chogais.  Dh'  fh^g  iad  agam  freasdal  an 
Tighearna  agus  geallaidhean  an  t-soisgeil, 
mo  chreideamh,  agus  mo  dhochas  ri  ne^mh. 
Theid  agam  air  cadal,  air  itheadh  agus  air  61, 
Tneid  agam  air  leughadh  agus  air  breith- 
neachadh.  Agus  am  fear  aig  am  bheU  a 
liuthad  aobhar  g^irdeachais  agus  a  tha 
agamsa,  tha  e  ann  an  gaol  air  mulad  agus 
gearan,  ma  shuidheas  e  air  I^n  na  diiirne 
de  na  drisean  a  tha  'na  chrann-chur." 

An  uair  a  shuidheas  sinn  air  na  drisean, 
ag  altrum  ar  mi-fhortain  agus  a'  caoidh  nan 
laithean  a  dh'  aom,  teichidh  mulad  air 
sgiathan  na  gaoithe  cho  luath  agus  a  ni  sinn 
aireamh  air  na  sochairean  a  tha  air  fhagail. 
Tha  iad  os  cionn  aireamh  agus  os  cionn  ar 
toillteanais. 

Obair  Dhe 

Theid  aig  muinntir  nam  baUtean  air  an 
comaine  do  Dhia  a  dhi-chuimhneachadh.   Air 


BUIDHEACHAS  AIR  SON  AN  FHOGHAIR 


sraidean  nam  bailtean  le  'n  upraid  agus  le  'n 
cabhaig,  chan  'eil  cothrom  breithneachaidh 
aig  duine  agus  fa  chomhair  nan  stil  chan 
'eil  ni  aeh  obair  dhaoine.  Ach  is  mall  agus 
dorcha  inntinn  an  fhir  a  tha  caitheadh  a 
l^ithean  air  an  duthaich  mur  'eil  eolas  aige 
air  freasdal  Dhe.  Tha  sinn  ann  an  co- 
chuideachd  ris  an  talamh,  ag  eirigh  o'n 
duslach  air  tiis,  an  crochadh  rithe  airson  ar 
beo-shlainte  agus  a'  tiUeadh  g'a  h-ionnsaidh. 
Tha  sinn  a'  cur  failt  le  ard  urram  agus  miagh 
air  a'  ghrein  agus  air  na  frasan,  teachdairean 
Dhe,  a  tha  co-oibreachadh  maille  ruinn  ann 
an  toradh  na  bliadhna.  Tha  sinn  a'  faicinn 
nach  tig  toradh  gun  saothair  dhaoine, 
agus  nach  dean  saothair  toradh  gun  bhean- 
nachadh  Dhe.  Tha  obair  Dhe  follaiseach 
dhuinn.  Chan  'eil  ana-creidmhich  lionmhor 
air  an  duthaich.  Faodaidh  nach  'eil  sinn 
gu  riaghailteach  a'  tighinn  le  moladh  agus 
buidheachas  do  chuirtibh  Dhe,  ach  chan 
urrainn    dhuinn    a    dhi-chuimhneachadh. 

Anns  an  fhoghar  an  uair  a  tha  Dia  a' 
crtmadh  saothair  dhaoine  le  mhaitheas  tha 
sinn  a'  tighinn  cruinn  ann  an  tigh  an  Tigh- 
earna  a  bhrosnachadh  spiorad  a'  bhuidh- 
eachais  agus  a  dh'  aideachadh  trocair 
agus  dilseachd  Dhe.  Bu  bhochd  am  foghar 
nach  gairmeadh  daoine  do  chuirtibh  Dhe 
le  buidheachas,  ach  an  uair  a  thilg  am  fonn 
brigh-mhor,  mar  a  rinn  e  am  bliadhna,  b^rr 
saibhir  agus  a  fhuair  daoine  aimsir  fhrea- 
garrach  'ga  thional,  is  fuar  agus  gnu  an 
cridhe  nach  tionndaidh  ann  an  gairdeachas 
ri  Dia. 

Ma  bheachdaicheas  sinn  air  suidheachadh 
bochd  an  t-saoghail  aig  an  km  so,  nach  ann 
againne  a  tha  aobhar  a  bhi  taingeil.  Tha 
corr  agus  seachd  bliadhna  bho  'n  a  thoisich  an 
cogadh  mor,  ach  aon  namhaid  cha  do  leag 
cas  air  fearann  Bhreatuinn.  Tha  duth- 
channa  eile  air  an  sgrios  agus  air  an  rtisgadh, 
na  daoine  a  bha  ag  4iteachadh  an  fhearainn 
air  an  iomain  air  falbh  agus  tirean  torach 
air  am  f^gail  'nam  fasaichean  lom.  Tha 
miltean  de  shluagh  ann  an  tir  nan  coimheach 
agus  moran  a  bha  aon  uair  saibhir  a'  sireadh 
an  arain.  Tha  moran  de  'r  co-chreutairean 
a'  fulang  cruadail  agus  acras  agus  sinne 
le  cupan  Ian. 

Fo  stiuradh  an  Fhreasdail  sheas  ar  saigh- 
dearan  eadar  sinn  agus  fearg  an-iochdmhor 
na  namhaid  agus  bha  ar  maraichean  gaisgeil 
mar  sgiath  agus  balla-dion  mu'n  cuairt  ar 
cladaichean.  Buidheachas  do  Dhia  air  son 
nan  laoch  air  muir  agus  air  tir.  Chan  e  a 
mhain  gu'n  d'  fhuair  sinn  cothrom  ^iteach- 


aidh  ann  an  sith  ach  tha  saibhreas  an  t- 
saoghail  uile  a'  tighinn  thar  chuantan  g'ar 
n-ionnsaidh.  Le  comhnadh  luchd-na-mara 
tha  saibhreas  ar  rioghachd  fein  agus  riogh- 
achdan  eile  a'  dortadh  a  stigh  do  gach 
acairseid.  Is  sinne  a  dh'  fhaodas  a  radh, 
"  dheasaich  Thu  bord  fa'r  comhair  am 
fianuis  ar  naimhdean."  Is  gle  bheag  an 
aireamh  de  shluagh  Bhreatuinn  a  tha 
teannachadh  an  crios-meadhoin  le  gorta. 
Tha  sinn  a'  toirt  buidheachas  do  Dhia  a  thug 
dhuinn  toradh  fialaidh  ar  duthcha  fein  agus 
a  rinn  sinn  'nar  co-oighreachan  air  saibhreas 
an  t-saoghail.  Tha  am  foghar  'na  fhear- 
teagaisg  maith  ach  chan  'eil  dine  air  uile 
leasain  ainmeachadh.  Foghnaidh  aon  no 
dha. 

(1)  Tha  e  'cur  'nar  cuimhne,  mar  nach 
dean  ni  eile,  ar  comaine  do  Dhia. 

(2)  Tha  am  foghar  a'  teagasg  gu'm  bheil 
sinn  ann  an  daimh  chairdeil  ri  cheile.  Tha 
an  tuathanach  a'  toirt  arain  as  an  talamh 
air  son  mor-shluagh  nam  bailtean,  ach  tha 
iadsan  a'  deasachadh  na  h-acain  a  tha  ag 
oibreachadh  an  fhearainn,  agus  tha  iad  a' 
ceannach  toraidh  a  shaothrach.  Chan  fhaod 
an  dara  aon  tair  a  dheanamh  air  an  aon 
eile. 

(3)  Tha  am  foghar  'gar  gairm  gu  geataibh 
Dhe  le  buidheachas  agus  d'a  chiiirtibTa  le 
moladh.  Ach  chan  ann  air  aon  Sabaid  de 
'n  bhliadhna  ach  air  gach  Sabaid  a  thig  e 
dhuinn  buidheachas  a'  thoirt  do  ar  n-Athair 
neamhuidh.  Tha  a  Fhreasdal  neo-chadal- 
ach,  gun  sgios,  gun  chrioch.  Tha  dearbhadh 
againn  air  trocair  Dhe  gach  maduinn  agus 
gach  feasgar  air  a  dhilseachd. 

(4)  Tha  aran  na  coluinn  a'  togail  na  h- 
inntinn  gu  beachdachadh  air  an  aran 
neamhaidh  a  tha  aig  daoine  ann  an  losa 
Criosd,  "  Is  mise  aran  na  beatha  "  thubhairt 
losa.  Cha  do  dhichuimhnich  Esan  a  tha  a' 
frithealadh  le  laimh  fhial  do  'n  choluinn 
an  t-anam  neo-bhasmhor.  Mar  a  tha 
spiorad  an  duine  luachmhor  seach  a 
cholunn,  is  ionnan  a  tha  aran  na  beatha 
priseil  seach  toradh  an  fhoghair.  Tha  an 
cridhe  taingeil  a'  deanamh  gairdeachais 
ann  am  maitheas  agus  trocair  Dhe  anns  an 
fhoghar.  Deanadh  an  cridhe  gairdeachas 
air  son  an  arain  neamhaidh  a  tha  sasuchadh 
acras  ar  n-anama  agus  a'  toirt  neirt  agus 
slainte  shiorruidh  do  dhaoine. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


An  Giogaldrum 

AN  aithne  dhuit,  a  leughadair,  an  creutair 
ris  an  abair  iad  an  giogalorum  1  Tha  e  cho 
beag  biodach  's  gu'n  teid  aig  ceud  mile 
dhiubh  air  iad  fein  fholach  ann  am  bac- 
iosgaid  na  fride,  is  tha  an  fhride  cho  beag  i 
fein  's  gu'n  teid  aig  ceud  mile  dhiubh  air  iad 
fein  fholach  ann  an  ctil  cluaise  na  f ineig,  is 
chan  'eil  an  fhineag  mor. 

A  uair  a  bhios  sinn  a'  coiseachd  air  an 
talamh  saoilidh  sinn  gu  bheil  an  talamh 
marbh  fo  ar  casan  agus  nach  'eil  creutair  bed 
ann  ach  na  chi  sinn  air  uachdar,  ach  an  aite 
an  talamh  a  bhi  marbh  tha  e  Ian  beatha  ; 
na'n  cunntadh  tu  an  ^ireamh  ghiogal6rum  is 
fhridean  is  fhineagan  air  a  bheil  tu  a'  saltairt 
a  h-uile  uair  a  leagas  tu  do  chas  air  an  talamh 
chitheadh  tu  gu  bheil  barrachd  ann  na  tha  de 
dhaoine  anns  an  Roinn-Eorpa.  SaoU  thu  cia 
meud  creutair  beo  a  tha  ann  an  Ian  spainne 
de'n  talamh  a  bhios  tu  a'  ruamhar  anns  an 
Earrach  ?  Ann  an  Rothamsted  far  a  bheil 
daoine  ionnsaichte  a'  cur  seachad  am  beatha 
gus  gne  an  talaimh  a  thuigsinn  agus  doighean 
iu-a  fhaotainn  a  mach  a  bhios  gu  feum  do 
thuathanaich  ann  an  oibreachadh  agus  ann 
am  beathachadh  a'  ghruimid,  chunnt  iad  gu 
ctiramach  cia  meud  creutair  beo  a  bha  ann 
an  Ian  spainne-tea  de'n  talamh.  Bha  e  cho 
duilich  dhaibh  so  a  dheanamh  's  gu'n  do 
ghabh  an  obair  coig  daoine  a  bhi  rithe  fad 
bliadhna,  ag  oibreachadh  ochd  uairean  a  h- 
uUe  latha.  Theagamh  gu'n  abair  cuid  gu'm 
feumadh  nach  robh  dad  eile  aca  ri  dheanamh, 
agus  gu'm  bu  leanabail  an  obair  e  do  dhaoine 
glic  bliadhna  d'  an  saoghal  a  chur  seachad  a' 
cunntas  na  bha  de  ghiogalorum  ann  an  Ian 
spainne  a  dh'  uir.  Ach  sud  agad  mar  tha 
eolas  dhaoine  air  obair  a'  chruthachaidh  a' 
fas,  agus  tha  eolas  'na  ni  cho  luachmhor  's 
gur  fhearr  aon  ghrainne  beag  dheth  na  luchd 
soithich  de'n  or. 

An  ceathramh  na  h-uarach 

Bha  e  duilich  dhaibh  na  creutairean  beaga 
ud  a  chunntas  a  chionn  gu  robh  iad  cho 
biodach  's  nach  fhaiceadh  iad  cuid  dhiubh 
gun  ghloinneachan,  ach  bha  e  na  bu  duiliche 
dhaibh  a  chionn  gu  robh  iad  a'  siolachadh 
cho  paUt.  Cha  ruigear  a  leas  clann-daoine  a 
chunntas  ach  uair  's  na  deich  bliadhna  oir 
chan  'eil  ach  tri  ginealan  aca  ann  an  ceud 
bliadhna.  Ach  am  measg  nan  giogalorum  tha 
gineal  hi  ag  eirigh  suas  ann  an  ceathramh  na 
h-uarach,  dltith  air  ceud  gineal  ann  an  ceithir 
uaire.  fichead.  Bha  coig  is  d^  fhichead 
muillein  dhiubh  ann  an  l^n  na  spkinne  ;   an 


uair  a  chuir  iad  air  a'  mheidh  iad  gus  an 
cudthrom  a  thomhas  rinn  iad  a  mach  gu  bheil 
mu  thuaiream  da  fhichead  punnd  dhiubh 
anns  gach  acair  fearainn. 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne  agad,  a 
leughadair,  air  facal  deacair  a  tha  air  a 
sgriobhadh  an  leabhar  Shamueil  mu  anam 
duine  a  tha  air  a  cheangal  suas  ann  an 
ceanglachan  nam  bed  ;  ged  tha  mac  an  duine 
cho  uaibhreach  's  nach  aidich  e  gu  bheil 
daimh  air  bith  aige  ris  a'  ghiogalorum  is  ann 
as  an  aon  tobar  beatha  a  th^inig  iad,  agus 
tha  iad  air  an  ceangal  r'a  cheile  ann  an 
ceanglaichean  cho  dltith  's  na'm  b^saicheadh 
an  giogalorum  gu'm  basaicheadh  mac  an 
duine  cuideachd.  Gun  an  giogalorum  cha 
tigeadh  b^rr  no  biadh  as  an  talamh. 

An  ionghnadh,  mata,  ged  theireadh  an 
naomh  Frannsaidh  a  bhrathair  ris  a'  chreut- 
air  bheag  so,  agus  an  ionghnadh  ged 
ghluaiseamaid  uile  gu  f^ilidh  air  an  talamh 
an  uair  a  chuimhnicheas  sinn  gu  bheU  sao- 
ghal mor  agus  saoghal  beo  fo  ^ir  casan  air 
nach  'eil  eolas  air  bith  againn,  saoghal  anns 
a  bheU  breith  is  bas,  f^s  is  searg,  obair  is  stri 
a'  dol  air  an  aghaidh  gun  sgur  ann  an 
umhlachd  do  thoU  a'  Chruithfhear  a  thug 
dhaibh  deo  na  beatha  as  an  aon  tobar  as  an 
d'  fhuair  sinn  fein  i.  0  ddimhne  saoibhreis 
araon  gliocais  agus  edlais  Dhe ! 

Dol  air  ais  do'n  sgoil 

Thug  mi  iomradh  air  a'  ghiogalorum  a 
chionn  gu  bheil  e  cho  feumail  do  dhuine  fhios 
a  bhi  aige  ciod  a  tha  dol  air  aghaidh  ann 
an  saoghal  a'  ghiogalorum  's  a  tha  e  dha  fhios 
a  bhi  aige  ciod  a  thubhairt  Iain  Calvin,  ma  bu 
mhaith  leis  riiintean  Dhe  anns  a'  chruthach- 
adh  a  thuigsinn.  Tha  da  Bhiobull  ann  anns 
am  faodar  smuatntean  agus  rtiintean  Dhe  a 
leughadh  ;  am  Biobull  a  bha  air  a  sgriobhadh 
leis  na  naoimh  agus  am  Biobull  a  bha 
agus  a  tha  air  a  sgriobhadh  le  l^mh 
Dhe  ann  an  obair  a'  chruthachaidh. 
The  aithreachas  gu  leoir  orinsa  a  nis 
nach  do  thoisich  mi  na  bu  traithe  air  eolas 
fhaotaixm  air  obair  a'  chruthachaidh.  oir  tha 
mi  a'  faicinn  gu  bheil  beathachadh  ri  fha- 
otainn anns  an  doigh  sin  do  inntinn  agus 
do  chridhe  duine,  ach  bha  mi  uile  l^ithean 
mo  bheatha  cho  dion  a'  leughadh  agus  a' 
meomhrachadh  ann  an  leabhraicheen  dhiadh- 
airean  is  fheallsanach  's  nach  robh  iiine 
agam  suil  a  thoirt  air  na  miltean  ionghnadh  a 
tha  mu'n  cuairt  orm  anns  a'  chruthachadh, 
as  am  faodainn  gliocas  is  eolas  a  tharruiug 
Bho    chionn    mile    bliadhna    chan    'eil    na 


CLADH  NA  MARAIRNE 


diadhairean  agus  na  feallsanaich  a'  deanamh 
dad  ach  a'  cagnadh  bhriathran  ;  a'  cheart  cho 
luath  's  a  chailleas  tu  tlachd  is  call  ann  am 
briathran  gheibh  thu  a  mach  nach  'eil  an 
corr  aca  ri  thoirt  dhuit ;  ach  fad  na  h-uine 
tha  Tearlach  Darwin  agus  Louis  Pasteur  agus 
daoine  ciuin  iriosal  de'n  t-seorsa  sin  a' 
fosgladh  dhorsan  dhuit  a  bheir  a  steach  do 
shaoghail  iu-a  thu,  saoghail  anns  am  faod  thu 
cumhachd  agus  gliocas  agus  rtiintean  Dhe 
fhaicinn  mar  nach  fhaic  thu  iad  air  dhoigh 
eile. 

Na'n  cluinninn-sa,  mata,  iomradh  air 
sgoil-shamhraidh  no  sgoil-gheamhraidh, 
anns  am  biodh  saoghal  a'  ghiogalorum,  no 
saoghal  nan  rionnagan,  no  saoghail  nan 
creutairean  eile  a  tha  sealbhachadh  na 
talmhainn  maille  rium,  air  fhosgladh  dhomh 
ann  an  doigh  shimplidh  a  b'  urrainn  mi 
a  thuigsinn  cha  bu  cheum  air  ghaig  leam 
dol  innte,  ged  tha  mi  air  f^s  car  sean.  Neo- 
ar-thaing  nach  'eil  gu  leoir  de  sgoilean 
samhraidh  ann  an  diugh  ;  tha  iad  cho  tiugh 
's  nach  mor  nach  tachair  te  dhiubh  ort  air  a 
h-uile  cnoc,  ach  ma  tha,  b'e  sin  na  sgoilean 
gun  ionnsachadh!  Chan  'eil  anns  an 
sgoUearachd  a  tha  dol  air  aghaidh  annta  ach 
an  t-ainm  ;  is  e  an  fhior  ghnothuch  a  tha  an 
riln  nan  sgoilearan,  aighear  is  leannanachd 
is  dibhearsoin  de'n  t-seorsa  sin. 

Ledghann  agus  coinnean 

Mur  biodh  agam  ach  am  Biobull  a  sgriobh 
na  naoimh  bhithinn  'n  am  Phacifist  a  muigh 
's  a  mach,  ach  tha  mi  a'  faicinn  nithean 
sonraichte  anns  a'  BhiobuU  eile  a  sgriobh 
Dia  anns  a'  chruthachadh  nach  'eil  a  reir 
an  teagaisg  sin,  agus  a  tha  dxlsgadh  amharuis 
'n  am  inntinn.     Chan  'eil  mi  dol  a  dheanamh 


argumaid  mu'n  ghnothuch  air  an  duilleig 
so,  ach  faodaidh  mi  naidhea,chd  bheag 
fhior   innseadh. 

Uaireigin  de'n  t  -  saoghal,  o  chionn 
fhada  nan  cian,  thachair  leoghann  agus 
coinnean  air  a  cheile.  Bha  an  coinnean 
an  deidh  ail  a  bhi  aice,  is  thoisich  i  air 
boilich  ris  an  leoghainn  gu  robh  ise  a' 
breith  fada  barrachd  cloiime  na  bha  an 
leoghann.  Cha  b'  urrainn  do'n  leoghainn  so 
aicheadh,  ach  thubhairt  i,  An  uair  a  bheireas 
mise  chan  e  coinnean  a  bheireas  mi  ach 
ledghann. 

Bu  leor  an  fhreagairt  sin  aims  na  laithean 
ud,  o  chionn  fhada  nan  cian,  an  uair  a  b'e 
lagh  na  coille  agus  lagh  na  machrach  gu'n 
itheadh  am  beathach  a  bu  mhotha  am 
beathach  a  bu  lugha.  Cha  ruigeadh  na 
leoghann  a  leas  farmad  no  eagal  a  ghabhaU 
a  chionn  gu  robh  na  coinneanan  a'  siolachadh 
na  bu  lionmhoire  na  iad  fhein  ;  mar  bu 
phaUte  a  dh'  fhasadh  iad  is  ann  bu  phaUte 
agus  bu  reamhra  na  leoghainn  cuideachd. 

Ach  an  diugh  cha  leor  an  fhreagairt  idir  e 
do'n  leoghainn  a  radh  gur  leoghann  a  bheir- 
eas ise  agus  nach  e  coinnean !  An  uair  a  tha 
tapaid  is  marbhadh  air  an  toirmeasg  ;  innean 
na  leoghainn  air  an  gearradh  agus  a  fiaclan 
air  an  tarruing  le  binn  an  lagha,  ciod  is 
fhearr  leoghann  na  coinnean  ?  Chan  fhearr 
dad.  An  uair  a  bhios  ciiisean  air  an  socruch- 
adh  le  cuhntas  cheann  theid  an  latha  daonnan 
leis  a'  choinnean.  Cuirear  na  leoghainn  air 
chill  is  sealbhaichidh  na  coinneanan  an 
talamh.  Tha  so  a'  togail  cheistean  mora  a 
dh'  fhagas  mi  agad  fein,  a  leughadair,  gu  bhi 
a'  cnuasachadh  orra,  ach  co  dhiu  chan  fhaic 
mise  comharradh  air  bith  anns  a'  chruthach- 
adh gur  fhearr  le  Dia  coinnean  na  leoghann. 


Cladh  na  Marairne 

Le   Alasdair  Gamshron,  Bun-allt- Eachainn,  an   Aird-ghobhar. 


"CIOD  an  tairbhe,"  their  cuid  a  tha  a' 
tadhall  air  chuairt  ann  an  cladh,  gun  ni  ri 
fhaicinn  ach  clachan-cinn  is  leacan-laighe, 
cuimhneachain  bhronach  do  mhoran  nach 
'eU  an  so  "  baile  a  mhaireas."  Ach  chan 
'eU  so  fior,  oir  ge^rrte  air  clar-aodainn  nan 
leac  sin  tha  earrann  de  eachdraidh  na  h- 
aimsir  a  dh'  fhalbh. 

Bho  chion  ghoirid  thadhaill  mi  air  son 
tacan  beag  ann  an  cladh  na  Marairne, 
Cill  Chaluim-cille,  os  cionn  Loch-^luinn. 
'S  e  sean  chladh  tha  'n  so,  agus  ged  nach 
biodh  ann  ach  gur  e  aite-adhlaic  Cloinn  'Ic 
Leoid  na  Marairne,  iadsan  do  'n  tug  an  sluagh 
gr^dh,  an  Eaglais  urram,  agus  an  teaghlach 


Rioghail  speis,  bu  leoir  e  air  son  a  dheanamh 
iomraiteach. 

Cho  dltith  air  a'  chaol  sin  do  'n  tug  esan 
gr^dh  bho  laithean  a  leanabais  is  oige  's 
a  leigeas  balla  a'  chlaidh  tha  am  "  Ministear 
Mor  "  'n  a  laighe  fo  'n  fhoid.  Mor  'n  a 
phearsa,  ard  ann  an  cumhachd  's  am  fogh- 
lum,  dhealraicheadh  e  le  oirdheirceas  ann 
an  priomh-ionadan  na  h-eaglais  an  Alba 
na'n  do  roghnaich  e,  ach  b'  annsa  leis  tamh 
an  cois  a'  chaoil  a  b'  aite  leis  riamh,  ged 
bha  a  bhuaile  farsuinn  agus  a  bhuachailleachd 
saothrach, 

Chunnaic  e  moran  atharachaidh  air  a' 
Mharairne  ghjeannach,  agus  sgapadh  doUgh- 


NAIDHEACHD  MU  SPURGEON 


easach  air  an  t-sluagh,  moran  air  am  fuadach 
thar  s^Ue  a  dheanamh  dachaidh  iir  daibh 
fein  anns  a'  choille  ghruamaich,  cuid  de 
bhaile  na  daorsa  far  an  robh  iad  gun  maoin 
is  gun  loinn,  is  iadsan  a  dh'  fhuirich  fhuair 
iad  fasgadh  mar  thuirt  DomhnuU  Ruadh 
Mac  Fhionghuin  "  fo  sgiathan  an  eoin 
Lvnnainich  an  doire  dubh  Loch-41uinn." 

Am  fagus  da  gun  chlach,  gun  leac  'n  a 
chomharadh  tha  ise  an  tiodhlacadh  do'n 
tug,  'n  a  goinne  chorporra  am  miaistear 
coir  le  larohan  fein  a  biadh  bharr  bord  a 
sheomair ;  agus  esan  'nuair  sgaoil  long 
mhor  nan  eilthireach  na  siiiil  gheala,  a' 
giiilan  na  b'  ionmhuinn  leis  gu  duthaich 
chein,  ghlaodh  'n  a  anmhuinneachd  's  'n 
a  bhron,  "  Co  nis  a  thogas  leamsa  laoidh 
an  anmoich  's  a  Itibas  a  ghltm  ann  's  an 
iirnuigb  mhaidne." 

Air  an  taobh  eUe  de  'n  chladh  tha  carragh- 
cuimhne  Marairneach  measail  eUe,  an  lighiche 
Iain  MacLachunn,  no  "  Dotair  Rathuaidhe  " 
mar  is  fearr  a  thuigeas  daoine  e. 

Bha  eadar-dhealachadli  mor  'n  an  caithe- 
beatha  eadar  e  fein  is  am  "  Ministear  Mor," 
act  bba  esan  mar  an  ceudna  fo  mhor  mheas  aig 
an  t-slaugh.  An  ni  bha  am  Ministear  do  'n 
anam  chlaoidhte  bha  'n  Dotair  do  'n  choluinn 
bhreoite,  agus  a  thuUleadh  air  a  sin  luaidh 
e  ann  an  dan  a  cor  aimsireil.  Dh'  fhag 
fasachadh  nan  gleann  fo  mhulad  e,  lion 
bochdainn  an  t-sluaigh  le  bron  e,  agus  ciod 
an  t-ionghnadh  ged  dheir  e  na  aonarachd — 

"  Tha  mulad  orm,  tha  mulad  orm, 
Tha  cudthrom  air  mo  chliabh." 


Far  am  bheil  lighichean  anama  agus  a' 
chuirp  'n  an  sineadh  fo  'n  fhoid  uaine  is 
dual  gu'm  bidh  gaisgeach  a  chatha  cuid- 
eachd ;  b'  ann  diubh  so,  "  Domhnull 
MoUach"  a  shabhail  bratach  Stiubhardaich 
na  h-Apunn  aig  blar  Chtiilfhodair. 

Rinn  feachd  Diuc  Uilleam  air  an  la 
challdach  so  oidhirp  ghramail  air  a'  bhratach 
a  ghlacadh.  Bu  dhian  a  ghe^rd  na  Domh- 
nuill  i,  'nuair  thuiteadh  fear  leumadh 
Domhnull  eUe  'n  a  aite,  gus  an  do  thuit 
na  h-ochd  de'n'  ainm  agus  nach  robh  air 
fhagail   ach    "  Domhnull   Mollach." 

Bha  an  ruaig  air  gach  taobh  dheth,  cha 
robh  seasamh  aigc  na  b'  fhaide  ach  faoineas, 
spion  e  a'  bhratach  bharr  a'  chrainn  is  shuaiti 
e  mu  theis-meadhon  i,  is  tharr  e  as  is  r^inig 
e  tir  a  dhuthchais,  a  Mharairne,  gun  bheud 
gun  mhUleadh,  far  an  robh  e  am  falach 
gus  an  tainig  laithean  a  b'  fhearr.  'S  ann 
de'n  dream  so  bha  an  duine  aiameU,  Daibh- 
idh  Mac-an-leigh,  a  rinn  obair  chliuiteach 
a'  craobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil  am  measg 
chinneach  dhubh  agus  bhorb  ann  an  Africa, 
a  mhaireas  air  chuimhne  gu  brath. 

Ged  nach  'eil  ciad  bliadhna  fhathast 
bho'n  chaidh  Domhnull  a  ghiulan  air  na 
carbaid  a  Sabhairidh  do'n  Chill-Mharair- 
neach  chan'  'eil  moran  aig  a  bheil  fios  c' 
aite  a  bheil  an  uaigh  aige,  's  mar  sin  chan 
fhaca  mise  i,  agus  co-dhiu  bha  an  uine  a' 
ruith  is  dh'  fheum  mi  falbh,  a'  f^gail  duslach 
ri  duslach,  an  t-olc  an  sud  's  an  t-ionraic 
an  so,  agus  mar  sin  a  bhios  a'  chtiis  gus  a' 
chrioch,  ach  mar  thubhairt  Donnachadh 
Ban  cha  bu  chas  "  Talamh  ri  talamh  "  na'n 
robh  bas  'n  a  bhas  glan. 


Naidheachd  mu   Spurgeon 


BHA  nighean  og  anns  a'  choimhthional 
aige  a  bha  cur  air  mhanadh  dhi  fein  gu 
robh  i  dol  a  bhasachadh.  Cha  robh  a'  bheag 
cearr  oirre,  ach  stad  i  de  itheadh  a  bidh, 
agus  bha  i  a'  dol  sios  le  cion  beathaohaidh. 
"  Chaidh  mise,"  arsa  Spurgeon,  "  ga  h- 
amharc  ;  dh'  innis  i  dhomh  mu'n  ni  a  bha 
anns  an  dan  dhi  agus  thubhairt  i  nach 
biodh  ann  ach  cur-a-dholaidh  air  biadh  na'n 
itheadh  ise  e,  a  chionn  nach  robh  a  saoghal 
a'  dol  a  bhi  fada.  Dh'  fharraid  i  dhiom 
an  robh  mi  a'  creidsinn  ann  am  mana- 
daireachd  ;  thubhairt  mi  gu  robh  ;  gu  robh  e 
air  a  chur  air  mhanadh  dhomhsa  uaireigin 
gur  e  asail  a  bha  annam,  agus  gu'n  do  thionn- 
daidh  an  rud  a  mach  f  ior.     Thubhairt  mi  gu 


robh  manadh  de  'n  cheart  sheorsa  agam 
uimpe-se,  gur  e  asail  bheag  a  bha  innte  agus 
nach  b'e  boirionnach  idir  mar  bha  daoine  an 
dull.  Chuir  so  ionghnadh  oirre  ;  dh'  iarr  mi 
air  a  cairdean  biadh  a  thoirt  dhi,  ach  chan 
itheadh  i  e.  An  sin  thubhairt  mi  rithe  gu'n 
ainmichinn  i  air  a  h-ainm  aig  a'  choinnimh- 
urnuigh  ;  gu'n  innsinn  do'n  choimhthional 
gu  robh  i  a'  cur  lamh  'n  a  beatha  agus  gur  e 
fein-mhortair  a  bha  innte,  agus  gu'n  iarrainn 
orra  a'  cur  a  mach  as  an  eaglais  a  chionn 
nach  robh  e  freagarrach  dhuinn  bana-mhor- 
tair  a  bhi  againn  air  ar  leabhar-comanach- 
aidh.  An  sin  thoisich  i  air  itheadh  is  chaidh 
i  na  b'  fhearr.  "^ 


Aireamh  i 


1947 


Aran-Gridhe  Dhe 


Searmon-comanachaidh  leis  an  fhear  nach  maireann,  an  t-Urramach.  Calum  MacLeoid, 

am  Both-chuidir, 

"  Cupan  a'  bheannachaidh  a  tha  sinne  a  heannachadh,  nach  e  comunn  fala  Chriosd  e  ; 
An  t-aran  a  tha  sinne  a  briseadh,  nach  e  comunn  cuirp  Chriosd  e  ?  " — 1  Corr.  x.  16. 


'SE  latha  comanachaidh  latha  comunn  ri 
Criosd  ann  an  doigh  is  an  seadh  4raidh— 
nuair  a  tha  co-chomunn  shonruite  agus  air 
leth  aig  a  shlnagh  ri  Criosd  agus  ri  each  a 
cheile — nuair  a  tha  sinn  a'^r  ar  deanamh  'nar 
luchd-comp^irt  de  thoraidhean  bais  is  fulan- 
gais  Chriosd  agus  sin  tre'n  t-s^cramaid 
bheannaichte.  Se  an  cupan  agus  an  t-aran 
samhlaichean  is  seula  a  chomanachaidh  so 
ri  Criosd  agus  ris  an  Athair  agus  ri  each  a 
cheile.  So  am  meadhon  tre  am  beil  sinn  a 
gabhail  a  chomanachaidh — •samhlaichean  na 
fala  a  chaidh  a  dhoirteadh  agus  na  feola 
chaidh  a  reubadh — an  cupan  agus  an  t-aran. 
,Tha  cuimhne  mhaith  againn  air  an  aoibhneis 
spioraid  agus  an  t-s61ais  anama  a  bha  againn 
iomadach  uair  aig  Bord  an  Tighearna  ann 
an  comanachadh  a  bh^is  is  fhulangais,  solas 
is  beannachd  is  beathachadh  air  an  robh 
sinn  a  ruighinn  tre  na  samhlaichean  priseil  a 
tha  an  so.  Ctipan  a'  bheannachaidh  a  tha 
sinne  a'  beannachadh  nach  e  comunn  fala 
Chriosd  e  ? 

Fhaic  thu,  ma  tha,  an  toiseach  : 

Cupan  nam  beannachd 

1.  Cupan  nam  beannachd  a  tha  againn 
ann  an  so.  Is  iomadh  beannachd  agus 
buadh  a  tha  ann.  Tha  cuimhne  agad  an 
uair  a  chaidh  aingeal  an  sgrios  a  mach  'san 
Eipheit  gu  robh  an  fhuil  air  na  h-ursannan 
'na  meadhon  dion  air  na  bha  a  stigh.  Tha 
fml  a'  chupain  so — ^gradh  bMs  Chriosd— 
*na  dhion  dhuinne  bho  'n  n^mhaid  agus 
bho  gach  ni  mi-naomha  a  dh'  fhaodas  a  bhi 
an  toir  oirnn.  Tha  beannachd  dion  agus 
gleidhidh  anns  an  chtipan  so  ;  agus  aig  a 
Bhord  fhein  tha  sinn  mothachaU  air  a  bhi 
tearainte  'na  ghradh  a  nochd  e  do'n  t-saoghal 
ann  a  bhi  doirteadh  a  mach  fhtiil  phriseil  air 
an  chrann.  Bha  dion  aig  ar  rioghachd  agus 
againn  fhein,  aig  kxa  a  chogaidh  mhou'  tre  'n 
fhuil  a  chaidh  a  dhoirteadh  anns  an  Fhraing, 
'san  4itean  eile — ^fuil  nam  beannachd !  Tha 
an  cupan  so  a  leigeil  fhaicinn  dhuinn  na  rinn 
esan  air  ar  son,  an  dion  is  an  tearainteaohd  a 


tha  againn  tre  a  bh^s-san  ;  tha  beannachd 
dion  ann  dhuinne  ann  an  tim  agus  troimh 
an  t-siorruidheachd. 

Faisg  air  far  na  thogadh  mi  tha  seann 
l^rach  ^it-aoraidh,  ris  an  canar  "  Tigh-a'- 
bheannachaidh."  Anns  an  t-seann  aimsir 
bha  an  tigh-aoraidh  so  'na  bheannachd  air 
iomadach  doigh,  ach  gu  h-^raidh  bha  e  'na 
dhion  do  neach  a  bha  a'  teicheadh  bho 
n^mhaid  ;  bha  e  'na  chomraich  do  neach 
a  bhetar  an  tou"  air  a  bheatha.  Aon  uair 
agus  gu  robh  neach  an  taobh  a  stigh  do 
gharadh-criche  a  "  Bheannachaidh  "  bha 
e  tearainte,  chan  fhaodadh  n^tmhaid,  no 
neach  eile,  Ikmh  a  chur  ann  ach  le  coir  is 
ceartas.  Tha  an  tearainteachd  so  dhuinne 
ann  an  cilpan  nam  beannachd,  agus  coman- 
achadh Chriosd  a'  riarachadh  dhuinn  coir 
is  ceartas,  gach  c6ir  is  ceartas  a  tha  air 
nfeamh  is  air  thalamh.  Tha  beannachd  dion' 
sa'  chtipan  so  dhuinne. 

Beannachd  glanaidh 

Thk,  agus  beannachd  glanaidh.  B'e  cleach- 
dadh  na  h-aoigheachd  'san  aird  an  ear  cho 
luath  is  a  thigeadh  duine  gu  tigh  gun  tugaist 
uisge  dha  gus  e -fhein  ionnlaid.  Mus  teidh- 
eadh  biadh.  a  chur  'na  thairgse  no  a  naidh- 
eachd  a  ghabhaU  b'e  am  modh  's  an  aoigh- 
eachd  uisge  a  thoirt  dha  gus  e-fhein  a 
ghlanadh.  An  deidh  sin  bha  glaine  is 
comhfhurtachd  aige,  agus  tlachd  ann  an 
carthannas  na  aoigheachd,.  Agus  is  ann 
againne  tha  fDios  gu  bheil  glanadh  arms 
a  chupan  so — 'gun  glan  fuil  losa  Criosd  sinne 
bho  ar  n-uile  pheacainnean .  Agus  tha  sinn 
mion-eolach  air  a'  chomhfhurtachd  a  tha  an 
cois  sin.  Ciipan  nam  beannachd  anns  am 
beU  buaidh  glanaidh. 

Beannachd  leighis 

Rud  eile  a  tha  anns  a  chupan  ghlormhor  so, 
'se  sin  beannachd  leighis.  Tha  iomadh  laigse 
agus  ammhumneachd  air  an  anam ;  tha 
iomadh  bochdainn  is  galair  is  tinneas.  Rinn 
am  peacadh  sin.  Ach  tha  beannachd  leighis 
am  fuil  losa.     Tha   cuimhne   agam   a   bhi 


ARAN-CRIDHE  DHE 


cluinntinn  mu  dheidhinn  Fionn  na  Feinne, 
gu  robh  Cuach  Leighis  aigs,  agus  an  uair  a 
bha  aon  de  dhaoine  air  a  dhochunn  is  air  a 
l^on  anns  a  bheinn  shithinn  is  sheilg  nach 
robh  aige  ach  deoch  a  thort  dha  as  a  Chuaich- 
sa  agus  gu  robh  e  slkn  fallain  air  ball.  Ge 
b'e  de  seorsa  creuchd  no  le6n  a  bha  air, 
lelghiseadh  deoch  as  a'  Chuaich  e.  Bha 
beannachd  leighis  an  Cuach  Fhinn.  Tha 
cuimhne  agam  cuideachd  a  bhi  leughadh 
an  seann  eachdraidh  gu  robh  amar  leighis  aig 
Dian  Cecht,  lighiche  m6r  nan  G^idheal,  agus 
ann  an  ^m  cogaidh  is  c6mhraig  is  m6r  eigin 
nan  G^idheal,  gum  biodh  e  a  tomadh  gaisgich 
fhann  is  fir  l^onta  'san  amar  so,  agus  gu  robh 
iad  air  ball  sl^n  fallain  agus  a  rithist  deas 
gu  comhrag.  Bha  beannachd  leighis  ann 
an  amar  Dhian  Cheacht  an  lighiche  bean- 
naichte  ;  agus  tha  beannachd  leighis  anns 
a  Chiipan  so  dhuinne. 

Aig  Lighiche  na  gloir  tha'n  t-eolas  barraicbt' 

Air  le6n  is  galairean  sluaigh  ; 

Gu'n  glan  e  bho  chreuchdan  breun  an  t-anam, 

Tha  eifeachd  fhala  do-luaidht ; 

Tha  chridhe  la  i  baigh  's  gu  br^th  cha  chuj"  e 

A  lathaj  duine  le  gruaim. 

Gu  saor  bheir  e  slMnt  do  thraillean  fallamh 

Le  gradh  a  shaallas  ris  suas. 

"  Cupan  na  slainte  glacar  learn  "  ;  cupan 
nam  beannachd  a  leighis  a  phobull  fhein. 

Is  iomadh  buadh  agus  beannachd  a  tha  an 
cois  na  slainte.  Tha  tobair  an"  a  h-Iort  ri^ 
an  canar  Tobair  nam  Buadh  agus  bha  na 
h-Iortaich  de  'n  l^n-bheachd  gu  robh  feartan 
leighis  air  leth  ann  an  uisge  na  tobrach  so, 
seadh  a,gus  iomadh  buadh  eile  an  cois  sin — 
gu  robh  sonas  agus  soirbbeachadh,  sith 
agus  solas.    - 

Beannachd  toraidh 

Tha  beannachd  toraidh  anns  a  chupan  so 
cuideachd.  Is  ann  nuair  a  tha  sinn  a  gabhail 
de'n  chupan  so  ann  an  spiorad  agus  ann  am 
firinn  a  tha  m6r  thoradh  a  tighinn  air  ar 
beatha  ;  tha  buadhan  na  beatha  nuaidh  an 
uair  sin  a'  f^s.  Ann  an  grMh  Chriosd  bidh 
mor  thoradh  oirnn.  Tha  cuimhne  agam  a 
bhi  cluinntinn  mu  dheidhinn  ministeir  a  bha 
ann  an  Cille-Mh^ilidh  bho  chionn  fhada  an 
t-saoghail.  Th^inig  eildeir  coir  a  bh'  aige 
far  an  robh  e  latha  agus  thuirt  e  ris  a  mhinis- 
teir  gum  b'fhearr  dha  bo  a  cheannach  a  bha 
fear  Ghleann-Neamhais  a  reic,  o'n,  ars  esan, 
tha  iad  ag  radh  nach  'eil  crodh  eile  'san 
diithaich  a  tha  cho  maith  air  bainne  ris  a' 
chrodh  d'am  buin  i,  Agus  a  mhinisteir  bu 
mhaith  leinne  te  aca  a  bhi  agaibhse.  Ma 
ta,  ars'  am  ministeir,  theirig  fhein  agus 
ceannaich  a  bhd  agus  p^ighidh  mise  o^re  na 


cbi  thu-fhein  iomcbaidh.  Rinn  e  so  agus 
thug  e  a  bho  chun  mhinisteir.  An  ceann 
beagan  sheachdainnean  dh'  fhaighnich  an 
t-eildeir  de'n  mhinisteir  de  mar  bha  a  bh6 
a  cordach  riu.  Ant^,  ars'  am  ministeir, 
tha  a  bho  maitn  gun  teagamh,  a  Dhomiinaill, 
ach  chan  'eil  i  idir  idir  cho  maibh  ris  an  ainm 
a  bha  dhith.  0  t^,  a  mhit-Isteir,  arsa 
Domhnf  11,  feumaidh  sibh  se  a  chuimh- 
neachadh  ged  a  cheannaich  sibh  a  bh6  nach 
do  cheannaich  sibh  Gleann-Neamhais  ;  tha 
toradh  na  b^  a  reir  a  h-inghUt.  Caireadh 
sibh-se  a  bho  do  Ghleann-Neamhais  agus 
bxth.db  i  pailt  cho  maith  ris  an  ainm.  Sin  e, 
a  chairdean,  tha  an  toradh  a  reir  na  h-inghilt 
- — olaibh  de'n  chtipan  so,  ctipan  nam  b3an- 
nachd,  agus  deanamh  so  mar  chuimhneachan 
oirm-sa,  agus  bidh  mor  thoradn  oirbh. 

Aran-cridhe  Dhe 

A  nise  tha  samhla  eile  anns  an  t-sacramaid, 
an  t-aran.    Scallamaid,  ma  ta,  air  : 

2.  Aran-cridhe  Dhe.  An  t-aran  a  tha  sinn 
a  briseadh  nach  e  comunn  cuirp  Chriosd  e  ? 
Nuair  a  bha  mi  'nam  bhalach  bha  feill  air  a 
gleidheadh  a  mach  air  braighe  baile  Steor- 
nabhaigh  uair  sa  bhliadhna  mu  ^m  na 
Limasdal.  Ge  b'e  c6  a  rachadh  chu  na  feille 
bhiodh  diiil  againne  agus  sinn  'nar  cloinn  ri 
tiodhlac  as  a  bhaile-mhor  agus  bho  na  feille 
nuair  a  thilleadh  iad.  Ach  bha  aon  ni  os 
cionn  gach  ni  eile  ris  an  robh  dilil  againn 
daonan  agus  mur  a  faigheadh  sinn  e  cha 
robh  feum  ann  an  ni  sam  bith  eile,  'se  sin, 
aran  cridhe.  Cha  robh  aon  ni  air  an  t- 
saoghal  air  an  robh  sinne  agus  sinn  nar 
cloinn  cho  deigheil  ris  an  aran  chridhe.  An 
t-aran  so  tha  sinn  a  briseadh  nach  e  comunn 
cuirp  Chriosd  e  ?  Aran  cridhe  Dhe,  aon 
Mhac  a  ghr^idh-san  a  thug  e  dhuinn  agus 
a  chaidh  a  bhriseadh  air  ar  son-ne.  So  aran 
mills  Dhe.  Bha  e  air  a  radh  mu  dheidhinn 
a  mhana  'san  fh^sach  gur  h-e  bias  a  bhidhidh 
a  b'  fhearr  leis  a  bha  a'  h-uile  duine  a  faotainn 
air  nuair  a  bha  e  ga  ithe  ;  agus  tha  sin  fior 
a  thaobh  aran-cridhe  Dhe  ;  tha  e  b]a3da 
dhuinn  a  reir  ar  feum  is  ar  suidheachaidh. 
Tha  e  blasd  agus  mills  do'n  chaileig  oig  ; 
tha  e  blasd  agus  mihs  do'n  t-seana-bhean 
leith  ;  th^,  agus  do  fhear  an  tinneis  agus  do 
fhear  na  slainte,  do'n  bhochd  is  do'n  bhear- 
tach.  An  t-aran  so  tha  sinn  a  briseadh  nach 
e  comunn  cuirp  Chriosd  e  ?  Aran-cridhe 
Dhe! 

So  an  t-aon  ni  nach  dean  neaeh  sam  bith  a 
chuis  as  aonais.  Is  iomadh  ni  a  thig  sinn 
beo  as  aonais  ach  cha  tig  sinn  beo  as  aonais 
an  arain.  So  ar  beatha — an  t-aran.  Tha 
beatha,  ma  tha,  'san  aran  nuair  a  ghabhas 
sinn  dheth,  tha  beatha  mhilis  agus  mhaireann- 


DUTHAICH  NEOI^ACH 


ach  an  aran-cridhe  Dhe.  "  Gabhaibh 
ithibh  is  e  so  mo  chorp-sa  a  tha  air  a  bhris- 
eadh.  air  bhur  son-sa ;  deanaibh  so  mar 
chuimbneachan    orm-sa." 

Neart  anns  an  aran 

Tha  neart  anns  an  aran  cuidoachd.  'Se 
biadh  a  neartaicheas  sinn  nuair  a  tha  simi 
fann  is  feumach.  Agus  mar  a  tha  fhios 
againne  a  ghabh  dheth,  tha  neart  anns  an 
aran  mhihs  so,  neart  chan  ann  a  mb^in  gu 
bhi  beo  ach  gu  seirbhis  is  gu  gniomh,  gu 
feum  iS  gu  obair.  Gabhaibh  ithibh  an  t- 
aran  so  aig  a  Bhord  fhein,  agus  esan  a'  cur 
feum  air  luchd-oibreach  'na  eaglais  is  'na 
fhion-Uos.  Air  'ur  bsathachadh  air  an  aran 
so  bidh  dreach  'ur  bidhidh  oirbh  agus  bidh 
sibh  laidir  ^'s  comasach  gu  feum  a  dheanamh 
dhuibh-fhein  is  dhasan.     Tha  neart  is  treoir 


'san  aran.  'S  an  t-s^cramaid  bheannaichte 
tha  sinn  air  ar  beathachadh  air  corp  losa 
a  chaidh  a  bhriseadh  air  ar  son-ne  air  aran- 
cridhe   Dhe. 

Dh'  fhaodadh  sinn  a  radh  gu  bheil  riarach- 
adh  anns  an  aran  cuidiachd,  nach  fhaodadh  1 
Tha  mi-riarachadh  an  cois  an  acrais,  ach  tha 
suaibhneas  is  sith  an  cois  a  bhidhidh.  So, 
ma  tha,  a  charaid  an  t-aon  aran  a  bheir 
riarachadh  do'n  anam — aran  cridhe  Dhe. 
Chan  'eil  ni  no  neiach  eile  ann,  a  bheir  lan- 
riarachadh  do'n  anam  ach  C'*iosd  agus  esan 
air  a  cheusadh  air  ar  son-ne.  An  t-aran 
so  tha  sinn  a'  briseadh  is  e  comunn  cuirp 
Chriosd  e,  a  tha  toirt  Ian -riarachadh  do 
a  shluagh  uile  air  neamh  is  air  thalamh. 
Tha  e  a  nis  air  neamh  ach  tha  e  againn  gu 
soUleir  is  gu  sonruite  anns  an  t-sacramaid 
bheannaichte  so  air  thalamh. 


Duthaich  Neonach 


BU  mhaith  leam,  a  leughadair,  naidheachd 
innseadh  dhuit  mu  dhuthaich  neonach, 
naidheachd  a  dh'  fhaodas  iongantas  a  chur 
ort,  ach  cuimhnich  nach  sgeul  gun  urrainn 
i  idir.  Is  e  m'  urrainn  air  son  na  leanas 
duine  creideasach  a  tha  a  nis  marbh,  Somh- 
airle  Butler.  Bha  Somhairle  'n  a  dhuine 
f u-inneach  ;  bha  feusag  liath  air,  agus  c6 
a  chreidc'ar  mur  creidsar  duine  air  a  bheil 
feusag  liath!  Theireadh  a  mhathair  gu 
robh  seangan  'n  a  bhriogais,  ach  is  fhearr  do 
dhuine  seangan  a  bhi  'n  a  bhriogais  seach 
seillean  a  bhi  'n  a  bhoineid.  Is  e  a  bha 
a  mhathair  a'  ciallachadh,  nach  b'  urrainn 
dha  suidhe  no  seasamh  mionaid  anns  aon 
^ite  ;  gu  robh  e  luasganach  sitibhlach,  ag 
iarraidh  seallaidhean  tira  is  ionaltradh  hr 
gach  latha. 

An  uair  a  bha  e  'n  a  dhuine  6g  chaidh  e 
thairis  do  dhtithaich  chein.  Bha  e  ris  a' 
chiobaireachd,  ach  gle  bhitheanta  an  uair  a 
rachadh  e  a  mach  air  cheann  a  ghnothuich 
cha  b'  ann  air  na  caoraich  a  bha  a  shtiilean 
ach  air  sreath  de  bheanntan  mora  a  bha 
ag  eirigh  anns  an  airde  deas  air.  Thoisich  e 
air  smuaineachadh  ciod  a  bha  air  chul  nam 
beann  sin  ;  bhruidhinn  e  ri  ciobairean  agus 
ri  iomadh  duine  eile  umpa,  ach  cha  b'urrainn 
iad  fiosrachadh  air  bith  a  thoirt  dha,  oir  tha  e 
coltach  gu  robh  abhainn  chas  a'  ruith  aig 
bun  nam  beann,  agus  gu  robh  e  air  a  mhon- 
mur  am  measg  dhaoine  nach  deachaidh 
duine  riamh  anns  an  abhainn  sin  a  th^inig 
aisdd  beo.  Cha  do  rinn  sin  ach  Somhairle  a 
dheanamh  na  bu  diorrasaiche  na  bha  e 
riamh  ;  dh'  fhan  e  gus  an  d'fhuatr  a  mhaigh- 
stir  na  caoraich  a  rtisgadh,  ach  an  sin  thug 


e  suas  'aite  agus  chuir  e  'aghaidh  air  an 
airde  deas  gus  fhaotainn  a  mach  ciod  a  bha 
air  chW  nam  beann. 

Air  chilli  nam  Beann 

Th^inig  Somhairle  as  an  abhainn  bad  agus 
chaidh  e  thairis  air  na  boanhtan,  ach  ma 
chaidh,  cha  b 'ann  gun  saothair  agus  cruadal 
fhulang  a  theab  a  bhodhig  a  mharbhadh  ged 
nach  do  bhris  iad  a  thoil.  An  deidh  i^imhe 
cha  bu  toigh  leis  moran  a  radh  mu'n  chuid 
so  d'a  chuairt ;  rachadh  fheoil  air  chrith 
an  uair  a  bheireadh  e  tarruing  idir  air  na 
g^bhaidhean  anns  an  robh  e,  agus  mar  sin 
faodaidh  mise  leum  thaiirs  orra  cuideachd 
agus  tighinn  gu  toiseach  mo  sgeoil. 

An  uair  a  dhtiisg  e  anns  an  dtithaioh  hr  a 
bha  air  taobh  thaU  nam  beann  (tha  e  oolbach 
gu'n  deachaidh  e  ann  am  paiseanadh  le 
buUle  a  fhuair  e)  b'e  a'  cheud  rud  a  chunnaic 
e  gobhair  ag  ionaltradh  r'a  thaobh  agus  da 
chaileag  cho  boidheach  's  a  chunnaic  e  riamh 
'g  am  buachaillea'chd.  An  uair  a  chunnaic 
na  caileagan  e  chuir  iad  na  buinn  rithe  agus 
theich  iad  mar  gu'm  biodh  teine  air  an 
craicionn,  no  mar  gu'm  faiceadh  iad  tamh£  sg. 
Ann  an  tiine  ghoirid  thainig  iad  air  an  ais  agus 
seachdnar  fhear  comhla  riu,  agus  bogha  is 
saighead  an  laimh  gach  fir.  Shaoil  Somh- 
airle gu  robh  iad  a'  dol  'g  a  mharbhadh,  ach 
an  uair  a  chunnaic  iad  nach  robh  olc  air 
bith  'n  a  bheachd  bha  iad  c^irdeU  gu  leoir. 

An  Coigreach 

Chuir  coltas  Shomhairle  ionghnadh  mor 
orra,  agus  an  uair  a  thug  iad  a  s teach  do'n 
bhaile  cha  robh  duine  anns  a'  bhaile  nach 


DUTHAICH  NEONACH 


robh  a  mach  aig  na  dorsan,  a'  spleuchdadh. 
le  iongantas  air  coltas  a'  choigrich.  Thug 
iad  air  beulaibh  a'  bhreithimh  e  agus  dh' 
iarr  am  breitheamh  a  chumail  greis  anns  a' 
phriosan  gus  am  faiceadh  iad  ciod  a  dhean- 
adh  iad  ris.  Bha  e  air  a  dheagh  bhiathadh  ; 
dh'  fhas  e  fein  agus  nigheannan  an  fhir  a 
bha  a'  gleidheadh  a'  phriosain  anabarrach 
mor  aig  a  cheile,  agus  dh'  ionnsaich  e  bhuapa 
doighean  agus  cleachdanna  na  duthcha. 
An  ceann  greis  leig  iad  mu  reir  e,  ach  dh' 
fhas  e  cho  gaolach  air  na  daoine  agus  air 
an  ^ite  's  gu'm  b'  fhearr  leis  fantuinn  ann 
seach  dol  air  ais  am  measg  a  dhaoine  fern. 

Fhuair  e  aoigheachd  ann  an  teaghlach 
gasda  ;  duine  coir  aig  an  robh  bean  cho  coir 
ris  fhein  agus  ditJiis  nighean.  Ann  an  cuid 
de  rudan  bha  iad  fada  lir  dheireadh  oirnne, 
ach  ann  an  rudan  eile  bha  iad  fada  air 
thoiseach  oirnn.  Theab  iad  tuiteam  as  an 
seasamh  le  gaireachduinn  an  uair  a  chunnaic 
iad  Somhairle  a'  gabhail  toit  de'n  phiob, 
agus  a  reir  choslais,  cha  chual  iad  iomradh 
riamh  air  la  an  Tighearna. 

Ged  nach  robh  Somhauie  Butler  a'  gabhail 
air  a  bbi  diadhaidh  bha  urram  aige  do'n 
t-Sabaid,  agus  bhiodh  e  a'  cur  seachad  an 
1^  gu  samhach  soluimte  a  reir  gn^ths  'aith- 
richean.  Bha  e  a'  cur  ionghnadh  m6r  orra 
gu  de  a  bha  toirt  air  sin  a  dheanamh,  ach 
mu  dheireadh  chomh-dhuin  iad  gu  robh 
crosdachd  air  chor-eigin  a'  tighinn  air  uair 
's  an  t-seachduin  agus  gur  e  sin  a  bha  toirt 
air  stad  d'a  obair. 

Daoine  gun  iochd 

Uair  a  bha  an  cnatan  air  agus  droch  casd 
aige  chuir  e  ionghnadh  m6r  air  nach  robh 
nigheannan  an  tighe  idir  cho  faireachdail 
ris  agus  a  shaoil  e  a  bhitheadh  iad,  agus  iad 
'n  an  creutairean  b^igheil  coibhneil  gu 
nMurra.  An  ^ite  a  bhi  mtiirneach  uime 
agus  e  tinn,  is  ann  a  ghabh  iad  fearg,  agus 
thuirt  iad  ris  gu  robh  e  dalma  dha  iomradh 
a  dheanamh  air  cnatan  'n  an  eisdeachd-san. 

Chuir  so  iongantas  nach  bu  bheag  air, 
ach  chuir  e  iongantas  na  bu  mho  air  an  uair 
a  dh'  innis  te  dhiubh  dha  gu  robh  a  h-athair 
a'  fulang  gu  mor  le  droch  ghalair  ;  gu'm 
biodh  droch  ghreisean  de  shannt  a'  tighinn 
air. 

An  toiseach  cha  b'  urrainn  Somhairle  na 
nithean  sin  a  thuigsmn,  ou"  cha  robh  ach 
prabadh  dona  aige  de  chainnt  na  diithcha, 
ach  mu  dheireadh  thuig  e  gu  robh  doighean 
nan  daoine  ud  calg  dhireach  an  aghaidh  ar 
doighean-ne  a  thaobh  easlainte  a'  chuirp 
agus  a'  chridhe.  Bha  iad  a'  cunntas  eas- 
lainte cuirp  'n  a  ni  narach,  toUlteannach  air 
peanas  cruaidh,  agus  mar  sin  chan  innseadh 


duine  air  bith  gu  robh  e  tinn,  air  eagal  gu'n 
rachadh  a  chur  anns  a'  phriosan.  Air  an 
laimh  eUe  ch?  robh  naire  air  bitb  orra  nithean 
diomhair  an  anama  (nithean  a  cheileas 
sinne)  innseadh  do  coin  an  adhair. 

Cha  robh  e  modhail  do  dhuine  fheoraich 
de  dhuine  eile  ciamar  a  bha  e,  agus  an 
^ite  a  cheile  fhaUteachadh  mar  a  ni  sinne, 
so  mar  a  labhradh  iad  an  uair  a  thachradh 
dithis  dhiubh  air  a  cheile  : — 

A. — Tha  mi  an  dochas  gu  bheil  thu  maith 
an  diugh  ? 

B. — Chan  'eil  mi  ach  gle  mheadhonach  ; 
tha  teumannan  a'  tighinn  fodham  breugan 
innseadh. 

A. — Tha  mise  duilich,  a  laochain,  air  do 
shon  ;  c'uin  a  dh'  fhairich  thu  an  donas  a' 
dol  annad. 

B. — Tha  e  annam  a  nis  o  chionn  seach- 
duinn  ;  Di-mairt  theab  mi  poca  buntata  a 
ghoid  ;  Di-ciadaoin  bha  mi  na  bu  mhiosa 
agus  th^inig  e  'n  am  chridhe  fear  de  mo 
choimhearsnaich  nach  toigh  leam  a  mhort, 
ach  chuir  a'  bhean  a  luighe  mi  agus  chuir 
i  fios  air  an  dotair-chridhe,  agus  tha  mi  a 
nis  na's  fhearr  ;  chan  'eil  cearr  orm  ach 
gaol  nam  breug. 

A." — ^Agus  ciamar  a  tha  do  bhean  1 

B. — ^Tha  ise,  an  truaghan,  a'  fulang  le 
droch  ghreim  de  fharmad,  ach  tha  i  dol  a 
chumail  a  sealladh  dhaoine  gus  an  teid  i 
na's  fhearr. 

Fasain  na  ddthcha 

A  h-uile  latha  bha  moran  dhaoine  tighinn  a 
dh'  fhaicinn  Shomhairle,  agus  'g  a  cheasnach- 
adh  mu'n  dtithaich  as  an  d'  thainig  e,  ach 
leis  nach  robh  e  furasda  dha  an  tuigsinn  bha 
e  a'  f^s  car  sgith  dhiubh,  agus  aon  latha  an 
uair  a  dh'  fheortich  boirionnach  reamhar 
dheth  an  robh  gean  maith  air  thuirt  e  gu 
cas  crosda  nach  robh. 

Cha  luaithe  a  bha  am  facal  a  mach  as  a 
bheul  na  bha  aithreachas  air,  oir  chunnaic 
e  gu  robh  e  miomhail  dha  bruidhinn  ri 
boirionnach  gu  neo-shiobhalta,  eadhon  ged 
a  bha  i  reamhar  fhein,  ach  an  aite  fearg  a 
ghabhail  no  a  bhi  a-xr  a  goirteachadh  le  caise 
a'  choigrich,  is  ann  a  thionndaidh  i  ris  gu 
caomhad  faireachdail,  a'  tairgsinn  dha  flur- 
aichean  a  chuireadh  e  r'a  shroin  agus  rudan 
mUis  a  chuireadh  e  'n  a  bheul,  agus  gach 
rud  eile  a  bha  i  a'  saoilsinn  a  dh'  fhogradh 
gruaim  agus  a  mheudaicheadh  gean. 

Tha  e  coltach  gu'n  d'  innis  am  boirionnach 
gu  robh  droch  shunnd  air,  oir  an  ath  mhad- 
uinn  m'an  d'  eirich  e  bha  seachd  no  ochd  de 
na  coimhearsnaich  aig  an  dorus  a'  feoraich 
an  d'  fhalbh  an  droch  ghean  a  bha  air. 


DUTHAICH  NEONACH 


Bud  nkvach 

An  aite  a  bhi  faighidinneach  is  truacanta 
ri  daoine  tinne  mar  a  tha  sinne  tha  e  air 
a  chunntas  'na  rud  narach  agus  'na  chionta 
mor  ann  an  Tiraluin  (b'e  Tir^luin  ainm  na 
diithcha)  gu'm  biodh  neach  tinn.  Ma 
tbuiteas  duine  ann  an  droch  shlain^"e  no  ma 
chailleas  e  a  chail  's  a  neart  m^r  ruig  e  tri 
fichead  's  a  deich,  tha  a  choimhearsnaioh. 
a'  m'an  sealltainn  sios  air,  agus  is  maith 
a  dh'  eireas  da  mur  cuirear  anns  a'  phriosan 
e. 

A  reir  nan  laghannan  a  tha  aca,  tha 
peanasan  sonruichte  air  an  cur  a  mach  air 
son  gach  seorsa  galair,  direach  mar  a  tha 
sinne  a'  peanasachadh  gach  seorsa  cionta  ; 
tapaid,  is  daorach,  is  meirle,  is  mort.  Gun 
fhios  nach  ann  a  theid  thu  fein,  a  leughadair, 
do  Thiraluin  fhathast,  faodaidh  mi  cuid  de 
na  peanasan  a  tha  iad  a  leagail  air  daoine 
tinne  a  chur  sios  air  an  duilleig  so,  los  gu'm 
bi  thu  'n  ad  earalas  : — 


An  Tinneas 

Greim-loinidh. 
Cnatan  no  Fuachd 

An   Triuth   no   Ghri- 
uthach. 


GalajT-cleibh,  Beul-a- 
mhaothain, 

Greim  -  mionaich , 
Losgadh  -  braghad, 
no  droch  ghrtithan. 

Na  Fiabhruis,  a' 
Bhreac,  a'  Bhuidh- 
each,  agus  an  Tinn- 
eas-tuiteamach. 


Am  Peanas 

Tri  miosan  priosain. 

Deich  tasdain  de 
ch^in. 

Crtin  c^in  air  p^isd- 
ean  agus  deich  tas- 
dain fhichead  air 
daoine  mora  a  th^i- 
nig  gu  aois. 


Seachduin    priosain. 


Bliadhna  priosain  is 
ckin  a  reir  inbhe 
an  duine  thinn. 


deachaidh  aig  an  fhear-lagha  air  so  a  dhearbh- 
adh  agus  toirt  air  an  Diuraidh  a  chreidsinn 
gur  e  an  fhirinn  a  bha  anns  na  thubhairt  e, 
gheibheadh  an  duine  mu  reir  gun  smal  air 
bith  air  a'  chliti.  Ach  cha  do  chreid  an 
Siorram  agus  an  Diuraidh  na  thuirt  am  fear- 
lagha  as  a  leth  ;  bha  sin  duilich  dhaibh,  oir 
bha  an  duine  a'  casdaich  gun  sgur  agus  neul 
mha-easlainte  air  'aodann.  Fhuair  an  Diiiraidh 
an  duine  ciontach,  agus  an  uair  a  thug  iad 
a  stigh  a'  bhinn  sin,  labhair  an  Siorram  ris 
a'  phriosanach  mar  so  : — 

"  A  dhuine  oig,  fhuair  thu  an  diugh 
deuchainn  chothromach  air  beulaibh  Diur- 
aidh d'  ad  luchd-dtithcha  air  son  a'  chionta 
oillteil  a  bha  air  a  chur  as  dc  leth,  agus  tha 
an  Diuraidh  gvt  h-aon-sgeulach  de'n 
bheachd  gu  bheil  thu  ciontach.  Sin  binn 
a  tha  ceart,  agus  ged  a  bu  mhaith  leam-sa 
trocair  a  nochdadh  dhuit  agus  thu  cho 
6g,  tha  eagal  orm  nach  gabh  ceartas  an 
lagha  a  riarachadh  gun  thu  bhi  air  do 
pheanasachadh  gu  trom.  Chan  e  so  a' 
cheud  uair  a  thainig  tu  air  mo  bheulaibh  ; 
an  uiridh  bha  thu  dona  le  cuing  is  cion 
analach ;  roimhe  sin  bha  leum-droma 
is  fiabhrus-loinidh  ort,  agus  ged  nach  'eil 
thu  ach  coig  bliadhna  fichead  bha  thu 
cheana  deich  uairean  anns  a'  phriosan 
air  son  thinneasan  a  ghabh  thu.  Na'n 
leiginn  do  leithid-sa  mu  reir,  bhithinn  a' 
toirt  gniiise  do  sheorsa  dhaoine  a  tha  a  nis 
a'  togail  an  cinn  'n  ar  measg,  droch  dhaoine 
ris  an  abrar  lighichean,  ^daoine  a  tha  ann 
an  co-bheinn  ri  cumhachdan  an  dorch- 
adaia,  agus  a  tha  a'  mealladh  an  co- 
chreutairean  le  stuthannan  nimheil  nach 
'eil  criosdail.  Mar  sin  bidh  tu  air  do 
chumail  ann  am  priosan  an  corr  d'  ad 
bheatha." 


Ma  ruigeas  duine  coig  is  tri  fichead  m'  an 
toisich  a  leirsinn  no  chlaisteachd  air  dol  air 
an  ais  chan  'eil  iad  cho  trom  air  's  a  bhitheadh 
iad  na'n  do  chaill  e  iad  na  b'  oige,  ach  tha  iad 
anabarrach  trom  air  daoine  air  a  bheil  siataig 
no  aillse,  no  tinneas-critheanach,  no  caith- 
eamh. 

Bha  Somhairle  Butler  anns  a'  chuirt  1^ 
a  bha  duine  truagh  air  an  robh  a'  chaitheamh 
air  fheuchainn  air  beulaibh  Siorram  is 
Diuraidh.  Thugadh  dha  deuchainn  cho 
cothromach  's  a  b'  urrainn  priosanach 
fhaotainn  ;  bhruidhinn  fear-lagha  as  a  leth, 
ag  r^dh  nach  robh  a'  chaitheamh  air  an 
duine  idir  ach  gu  robh  e  a'  leigeil  au-  gu 
robh  a  chionn  gu  robh  e  a'  feuchainn  ris 
a'  char  a  thoirt  a  maor  a'  pheansoin  agus 
airgiod   fhaotainn    bhuaith   le    ceilg.     Na'n 


Na  blanndairean 

Ach  mur  bheil  muinntir  Thir^luinn  a' 
fulang  dhotairean  tha  iad  a'  fulang  seorsa 
eile  a  tha  gabhail  an  aite,  daoine  ris  an  abair 
iad  blanndairean.  Cha  ghabh  na  blann- 
dairean gnothuch  ri  eucailean  a'  chuirp,  oir 
IS  e  an  dreuchd-san  aingidheachd  a'  chridhe 
a  chumail  sios.  Theagamh  gu'n  cuu'  duine 
a  tha  buailteach  do  bhreugan  no  do  mheirle 
fios  air  a'  bhlanndaire  uair  no  dha  's  an  t- 
seachduin,  agus  tha  e  coma  ged  a  bhiodh 
fhios  aig  na  coimhearsnaich  gu  bheil  e  ann 
an  lamhan  a'  bhlanndaire,  oir  chan  'eil  sin  'n 
a  thamailt  air  bith  ann  am  Tiraluinn.  Chan 
'eil  e  air  a  chunntas  tamaUteach  gu'm  biodh 
am  blanndaire  a'  tadhall  tighe  na's  mo 
na  tha  e  air  a  chunntas  'n  ar  measg-ne  an 
dotair  a  bhi  'g  a  thadhall. 


AM  FACAL  AGUS  AN  SAOGHAL 


Ma  thachras  gu'n  gold  duine  cuid  a 
choimhearsnaich,  no  gu'n  cuir  e  tigh  a 
choimhearsnaich  air  theine,  no  gu'n  dean  e 
rud-eigin  eile  de'n  t-seorsa  sin,  a  tha  sinne 
anns  an  duthaich  so  a'  cunntas  'n  a  rud 
narach  agus  'n  a'  chionta,  bheirear  air  falbh. 
e  do  thigh -eiridinn  far  an  seallar  as  a  dheidh 
gu  caomhail  agus  gu  gradhach,  agus  far  am 
faigh  e  gach  comhfhurtachd  air  chosdus  na 
dtithcha  gus  an  teid  e  na's  fhearr. 

Ma  tha  e  ann  an  suidheachadh  maith 
theagamh  nach  teid  e  am  measg  nan  cuman- 
tach  do'n  tigh-eiridinn,  ach  gu'n  cuir  e  fios 
air  blanndaire  d'a  thigh  fein,  agus  gu'n 
innsear  an  sin  d'a  choimhearsnaich  gu'n  d' 
fhairich  e  droch  spang  de  neo-mhoraltachd, 
agus  nach  bi  e  s^bhailte  a  leigeil  am  measg 
dhaoine  gus  am  bi  an  donas  air  a  chur  a  mach 
as.  An  sin  theid  a  chairdean  'g  a  amharc 
agus  feoraichidh  iad  dheth  car  de  na  ceart 
cheistean  a  bhios  sinn  a'  ci  r  air  daoine  tinn  ; 
feoraichidh  iad  a  bheil  fada  o  thoisich  na 
droch  ana-miannan  ann ;  ciamar  a  nochd  iad 
iad  fein  an  toiseach ;  an  robh  an  neo- 
mhoraltachd  dtithchasach  dha,  agus  ceistean 
eile  mar  sin. 


Blanndairean 

Tha  muinntir  Thiraluinn  a'  paigheadh 
nam  blanndairean  direach  mar  a  tha  sinne  a' 
paigheadh  nan  dotairean  ;  bheir  iad  dhaibh 
gini  oir  gach  uair  a  chuireas  iad  fios  orra. 
Chan  e  sin  a  mhain  ach  fosglaidh  iad  an 
inntinn  's  an  cridhe  dhaibh  agus  cha  cheil  iad 
eucailean  an  anama  orra  na's  mo  na  cheileas 
sinne  air  an  dotair  c'  ^ite  a  bheil  sinn  goirt. 
Mar  so  tha  na  blanndairean  a'  %otainn 
cothrom  air  na  daoine  a  leigheas  nach  'eil 
ministearan  a'  faotainn  anns  an  diithaich  so, 
oir  is  annamh  duine  a  dh'  innseas  do'n 
mhinistear  gu  bheil  iarrtus  aige  dol  a  ghoid 
no  gu  bheil  sannt  aige  air  cuid  a  choimhear- 
snaich. Tha  na,  blanndairean  air  an  teagasg 
fad  choig  bliadhna  ann  an  Oil-tnigh  na  Mi- 
cheill  agus  an  uair  a  thig  iad  a  mach  as  a  sin 
tha  ainm  aca  air  gach  galair  is  urrainn  tighinn 
air  cridhe  no  anam  mhic  an  duine,  air  chor 
agus  gur  h-urrainn  daibh  ainm  a  chur  air 
rud  air  bith  a  tha  cur  ort.  Leanaidh 
muinntir  ThirMuinn  riaghailtean  is  comh- 
airlean  nam  blanndairean  a  cheart  cho 
curamach  's  a  leanas  sinne  ordugh  an 
dotair. 


Am  Facal  agus  an  Saoghal 


SIN  an  tiotal  aig  leabhar  beag  a  bha  air  a 
chur  a  mach  o  chionn  beagan  bhliadhnachan 
le  Emil  Brunner,  ard  fhear-teagaisg  ann  an 
Oilthigh  Gearmailteach  ;  leabhar  a  tha  cho 
Ian  de  nithe  maithe  's  a  tha  ubh  de  bhiadh. 
Tha  Pol  ag  radh  gu  bheil  m6ran  de  ghne 
ghuthan  anns  an  t-saoghal  agus  nach  'eil 
aon  dhiubh  gun  seagh.  Tha  mi  an  dtiil  nach 
abradh  Pol  sin  mu  na  leabhraichean  a 
chithear  ann  am  buthan-leabhraichean  an 
diugh.  Tha  gu  leoir  dhiubh  gun  seagh ; 
tha  iad  air  cho  beag  seagh  's  nach  fhiach 
dhuit  feadhainn  dhiubh  fhosgladh. 

Tha  Emil  Brunner  a'  deanamh  obair 
fhiachail  anns  an  t-saoghal  an  diugh  air 
taobh  nan  Sgriobturan  agus  mar  shearmon- 
aiche  a  tha  creidsinn  ann  an  cumhachd  an 
t-soisgeil.  Tha  nithean  'n  a  theagasg  nach 
'eil  mise  a'  tuigsinn,  agus  nithean  eile  nach 
'eil  furasda  gabhail  riu,  ach  air  a  shon  sin 
tha  mi  cinnteach  gur  guth  o  Dhia  guth  an 
duine  so,  agus  gu  bheil  ^ileadh  beatha  'n 
a  theagasg. 

Tha  aon  phuing  shonruichte  air  a  bheil  e 
calg-dhireach  an  aghaidh  smuaintean  is 
beachdan  an  t-saoghiil  anns  a'  ghineal  so  ; 
tha  e  a'  teagasg  gu  bheil  an  Eaglais  air  a 
puinnseanachadh   an   diugh   leis   an   ddigh- 


smuaineachaidh  aig  speuradairean  agus  feall- 
sanaich  mu'n  t-saoghal,  daoine  a  tha  lean- 
tuinn  solus  an  reusoin  fein  a  mh^in  an  ^ite  a 
bhi  toirt  geill  do  Fhacal  an  Tighearna. 

Am  Facal  beo 

Tha  e  cinnteach  gu'n  do  labhair  Dia  o 
shean  facal  bed  ;  tha  e  cinnteach  gu  bheil 
Dia  a'  labhair t  an  diugh  fhathast,  agus  gur 
e  ceud  dbleasdanas  na  h-EaglaxS  ^isdeachd 
ris  an  fhacal  bhed  sin.  Tha  e  ag  r^dh  nach 
e  litir  an  Sgriobtuir  am  facal  bed  so,  ach 
chan  'eil  e  idir  soilleir  ciod  an  daimh  a  tha 
eadar  briathran  a'  Bhiobuill  agus  am  facal 
bed,  c'  ^ite  a  bheii  an  dara  aon  a'  toiseachadh 
agus  an  t-aon  eile  a  sgur. 

Chan  ann  le  rannsachadh  na  h-inntinn  a 
ruigear  air  firinn  an  t-soisgeil,  is  cha  mho  a 
dh'  fhaodas  reuson  mhic  an  duine  breith  a 
thoirt  air  an  fhirinn  sin  ;  tha  i  air  a  foill- 
seachadh  le  Dia.  Labhair  Dia  o  shean  anns 
na  f^idhean  agus  ann  an  losa  Criosd,  is  tha 
e  a'  labhairt  annta  fhathast.  An  taobh  a 
mach  de'n  Bhiobull  agus  de'n  chreideamh 
Chriosdiudh  chan  'eil  soius  fior  iir  bith  ri 
%aicinn  ;  chan  'eil  anns  an  eolas  spioradail 
air  an  teid  aig  daoine  air  ruighinn  le  an 
tuigse  no  an  eanchainn  ach  solus  a  chuireas 


AM  KARGAICHE 


air  seachran  iad.  Na'n  robh  so  air  a  r^dh 
le  searmonaiche  G^idhealach  ann  an  Giidhlig 
theireadh  daoine  gu  robh  an  cuthach  air, 
ach  tha  e  air  a  r^dh  le  sgoilearan  agus 
diadhairean  a  tha  cleachdadh  a  bhi  tomhas 
am  briathran,  air  chor  agus  gu'm  feumar  na 
beachdan  so  a  ghabhail  an  da  rireadh,  na 
ceart  bheachdan  a  bha  aig  Pol  o  chionn  nan 
ceudan  bliadhna.  "  An  uair  nach  b'  aithne 
do'n  t-saoghal,  tre  ghliocas,  Dia,  bu  toil 
le  Dia  le  amaideachd  an  ni  a  bha  air  a  shear- 
monachadh,  iadsan  a  the^rnadh  a  ta  creid- 
sinn  "  (1  Corint.  i.  21). 

Ma  th6isicheas  tu  air  firinnean  a'  Bhiobuill 
a  mhineachadh  do  dhaoine  ttirail  tha  a' 
cheist  so  'n  an  inntinn  fad  na  h-tiine,  ciod 
an  dearbhadh  a  tha  agad  gu  bheil  so  fior  ? 
Theireadh  Emil  Brunner  nach  urrainear 
gu  br^th  dearbhadh  fhaotamn  o'n  taobh  a 
muigh,  no  dearbhadh  a  riaraicheadh  reuson 
an  duine  ;  "  chan  'eil  fios  aig  neach  sam  bith 
air  nithean  Dhe,  ach  aig  Spiorad  Dhe." 
"  Cha  ghabh  an  duine  n^durra  ri  nithibh 
Spiorad  Dhe  ;  oir  is  amaideachd  leis  iad  ; 
agus  chan  'eil  e  an  comas  da  eolas  a  ghabhail 
orra,  do  bhrigh  gur  ann  air  mhodh  spioradail 
a  thuigear  iad."  "  Ach  bheir  an  duine 
spioradail  breith  air  na  h-uile  nithibh, 
gidheadh  chan  'eil  e  fein  fo  bhreith  duine 
sam  bith,  oir  c6  d'am  b'  aithne  inntinn  an 
Tighearn,  agus  a  theagaisgeas  e  ?  ach  tha 
inntinn  Chriosd  againne." 

An  solus  0  shuas 

Cha  riaraich  an  fhreagairt  so  an  saoghal, 
oir  tha  mujnntir  an  t-saoghail  ag  iarraidh 


gu'm  biodh  an  creideamh  Criosduidh  air  a 
dhearbhadh  anns  a'  cheart  d6igh  anns  a 
bheil  firinnean  eile  air  an  dearbhadh,  le*slat- 
thomhais  na  h-inntinn.  Ach  ciod  a  tha 
sin  a'  ciallachadh  ach  gu  bheil  iad  an  dtiil 
gu  bheil  edlas  spioradail  coltach  ris  gach 
gne  eile  de  eolas,  agus  gu'm  faigh  mac  an 
duine  a  mach  Dia  le  bhuadhan  fein,  direach 
mar  a  fhuair  e  a  mach  diomhaireachdan 
an  dealanaich  agus  a'  chruthachaidh  uile. 
Daoine  a  theid  aca  air  na  reultan  a  chur  air 
mheidh  ;  air  a'  ghr^in  agus  air  a'  ghealaich 
a  ohuartachadh,  agus  air  gille-frithealidh  a 
dheanamh  de  'n  d3alanach,  agus  a  dhearbhas 
na  nithean  a  bhios  iad  ag  r^dh  mu  oibreach- 
adh  a'  chruthachaidh  cho  cinnteach  's  nach 
gabh  teagamh  cur  annta, — 'tha  e  duilich  do 
na  daoine  sin  eisdeachd  le  faighidinn  an 
uair  a  theirear  riu  nach  gabh  firinnean 
spioradail  a  bhi  air  an  dearbhadh. 

An  uair  a  labhrar  air  Facal  Dhe  thatar  a' 
ciallachadh,  anns  a'  cheud  ^Ite,  Facal  a' 
Bhiobuill.  Is  e  am  Biobull  an  cearcall- 
mullaich  agus  an  cearcall-m^is  a  tha  cumail 
rl  cheile  gach  eaglais  anns  an  t-saoghal,  an 
eaglais  Phapanach  agus  an  eaglais  Phros- 
tanach  ;  is  e  am  Biobull  an  tobar  as  a  bheil 
iad  a'  tarruing  am  beatha,  linn  an  deidh  linn. 
Gun  am  Biobull  chan  'eil  anns  an  eaglais 
ach  coinnlear  gun  solus.  Tha  am  Biobull 
'n  a  fhianuis  aii-  an  fhoillseachadh  a  rinn 
Dia  air  fein  ann  an  losa  Criosd.  Chan  ann 
anns  an  Leabhar  a  gheibhear  am  foillseach- 
adh  sin  ach  ann  an  Neach  a  tha  bed.  Chan 
fhaodar  na  Sgriobturan  a  chur  ann  an  ^ite 
Chriosd ;  chan  'eil  annta  ach  fianuisean 
airsan. 


Am  Marcaiche 


AN"  diugh  tha  ministearan  a'  saoilsinn  nach 
urrainn  dhaibh  obair  na  sgireachd  a  dheanamh 
gu  ceart  mur  bheil  motor  car  aca,  ach  cha 
robh  motor  car  aig  Iain  Wesley  ged  rinn 
6  leis  fein  barrachd  d3  obair  shoisgeulach  na 
tha  a  h-uile  C16ir  an  Inbhir-Nis  a'  deanamh 
an  diugh. 

A  h-uile  1^  bhiodh  e  air  a  chois  aig  ceithir 
uairean  's  a'  mhaduinn ;  bha  a  h-uile 
mionaid  de'n  Ik  agus  a  h-uile  la  de'n  t-seach- 
duin  air  an  cur  gu  feum  is  bull,  air  chor  agus 
nach  robh  mionaid  air  a  call.  Fad  bhliadh- 
nachan  bha  e  a'  marcachd  c5ig  mile  de  mhil- 
tean  's  a'  bhliadhna,  agus  air  uairean  a' 
searmonachadh  tri  fichead  uair  's  an  t-seach- 
duin.  Uile  gu  leir  mharcaioh  e  da  cheud 
mile  de  mhiltean,  mar  gu'n  raohadh  e  ochd 
uairean  mu'n  cuairt  an  t-saoghail,    Chaidh 


e  the  iris  air  iomadh  aiseag  is  abhainn  is 
cuan  ;  chaidh  e  thairis  air  a'  Chuan  ELrion- 
nach  d^  fhichead  uair  ;  chaidh  e  thairis  a"r 
an  Atlantic  do  America  amis  na  laithean  anns 
an  gabhadh  an  t-aiseag  dliith  air  ceithir 
miosan  ;  is  chaidh  e  thairis  air  a  Chuan-a- 
Taath  do'n  Olaint  an  uair  a  bha  e  ceithir 
fichead  bliadhna  a  dh'  aois. 

Gu  bull  mhaith 

Ann  an  eachdraidh  an  t-saoghail  chan 
aithne  dhomh  duine  eile  a  bu  dilse  agus  a  bu 
dichiollaiche  'na  obair  na  Iain  Wesley,  no 
duine  eile  a  leig  seachad  cho  beag  d'a  tiine 
gun  a  cur  gu  bull  cheart.  An  uair  a 
sheasas  sinn  air  beulaibh  ar  Breitheamh  gus 
ounntas  a  thoirt  air  ar  beatha  tha  mi  an  dtiil 
gur  e  sin  an  dlteadh  as  mo  a  db'  fhaodas? 


8 


AMMARCAIOHE 


eagal  a  chur  air  a'  mh6r-chuideachd  againn, 
gu'n  do  leig  sinn  uiread  d'ar  n-tiine  seachad 
gun  feum  a  dheanamh  dhith.  Ach  cha  do 
leig  an  duine  ud  aon  mhionaid  seachad.  A 
thuilleadh  air  an  astar  a  shitibhail  e,  agus  an 
obair  shoisgeulach  a  rinn  e,  sgriobh  e  leabh- 
raichean-eachdraidb,  is  foclairean,  is  leabh- 
raichean-gr^mair,  agus  dh'  ionnsaich  e  c6ig 
c^nainean.  Anns  an  diollaid  bhiodh  leabhar 
'na  l^imh  ;  ma  dh'  fheuinadh  e  feitheamh  ri 
aiseag  bheireadh  e  a  mach  a  pheann  is  dh'  ath 
cheannaicheadh  e  an  tiine,  a'  sgriobhadh 
searmoin  air  son  dhaoine  naqh  b'  urrainn  a 
ghuth  a  chluinntinn,  Bhiodh  e  a'  searmon- 
achadh  air  a'  bhl^r  na  bu  trice  na  bhiodh  e 
a'  searmonachadh  ann  an  eaglais  oir  dhiult 
moran  de  mhinistearan  na  h-eaglais  Shasun- 
naich  a  leigeil  a  steach  d'  an  ctibaidean.  Ach 
dheanadh  Iain  Wesley  ctibaid  dha  fein  ann 
an  kite  air  bith  am  faigheadh  e  daoine  a  dh' 
^isdeadh  ris  ;  ann  an  se6mraichean,  ann  an 
saibhlean ;    air  an  rathad  mh6r, 

Dh'  eisd  an  sluagh  ris  le  tlachd 

Bha  na  ceudan  agus  na  miltean  air  an  diis- 
gadh  agus  air  an  iompachadh  fo  shearmon- 
achadh  an  duine  bheannaichte  so.  Chuir  an 
Tighearn  a  sheula  gu  foUaiseach  agus  gu 
cumhachdach  air  a  shaothair,  agus  rud  xon- 
gantach  ann  an  stiUean  dhaoine  nach  'eil  a' 
creidsinn  ann  an  dtisgaidhean  de'n  t-se6rsa 
ud,  lean  is  mhair  obair  Wesley,  chan  e 
bliadhna  no  dhk  ach  r^  a  bheatha  uile,  a  sior 
dhol  air  a  h-aghaidh  ann  an  doigh  shamhach. 

Ach  ged  dh'  eisd  a'  mhor-chuideachd  ris  le 
tlachd  bha  feadhainn  eile  ann  nach  eisdeadh 
ris  idir;  daoine  aig  an  robh  barrachd  grkin 
air  na  bha  aca  air  Satan.  Bhiodh  iad  sin  a' 
feuchainn  ri  stad  a  chur  air  ;  uair  is  uair 
bha  e  ann  an  cunnairt  bhuapa,  aodach  air  a 
stialladh  agus  clachan  is  pluic  air  an  tilgeadh 
air,  ach  bha  gealladh  an  Tighearn  air  a 
choimhlionadh  dha  is  thug  e  kithne  d'a  ain- 
glibh  m'a  thimchioll  chum  gu'n  gleidheadh 
iad  e  'n  a  shlighibh  uUe. 

A  mach  o'n  eud  dhiadhaidh  a  bha  'n  a 
chridhe  b'e  a'  bhuaidh  sh6nraichte  eile  a  bu 
chomharraicbte  ann  an  Iain  Wesley  an  ttir 
nkdurra  a  bka  ann.     Bha  gliocas  an  t-saogh- 


ail  so  fein  aige  cho  maith  ris  a'  ghliocas  a 
tha  o  shuas.  Chan  'eil  mi  an  dtiil  gu'n  do 
chuir  e  feum  air  dotair  riamh  ;  ged  nach  robh 
e  m6r  no  Ikidir  bha  e  slan  is  fallan  ;  beothail 
is  deas  'n  a  phearsa,  agus  cho  maith  air  a' 
chadal  ri  Mghr.  Gladstone.  A  dh'  aindeoin 
gach  ctiram  agus  ro-chilram  a  bha  e  a'  givilan 
cha  do  chaUl  e  riamh  uair  chadail  air  an 
tkilHbh. 

Coslas  diadhaidh 

An  uair  a  rkinig  e  aois  bha  fhalt  cho  geal 
ri  canach  an  t-sleibhe,  is  tha  e  air  a  rkdh  gu 
robh  maise  agus  cumhachd  na  diadhaidh- 
eachd  cho  soilleir  air  aodann  's  gu'm  biodh 
iad  a'  cur  s61uimteachd  agus  eadhon  eagal 
ann  an  cridheachan  dhaoine  aotrum  a 
rachadh  do  na  coinneamhan  aige  a  mhagadh. 

Cleas  dhaoine  eile  aig  a  bheil  m6ran  ri 
dheanamh,  agus  a  bhios  a'  cur  m6ran  obair 
as  an  deidh,  cha  robh  Iain  Wesley  uair  air 
bith  'na  chabhaig,  is  cha  mh6  a  chuireadh  e 
an  t-each  a  bhiodh  e  a'  mareachd  'n  a  chabh- 
aig. Ach  air  a  shon  sin  bha  e  daonnan  air 
ceann  a  dhleasdanais  aig  a'  mh'onaid. 

Bha  e  ochd  is  ceithir  fichead  an  uair  a 
shiiibhail  e  ;  seachduin  m'  an  do  chaochail  e 
bha  e  a'  searmonachadh.  Uile  gu  l^ir  liubh- 
air  e  suas  ri  da  fhichead  mile  searmon,  rud 
nach  do  rinn  duine  eile  riamh. 

Fad  a'  bheatha  bha  e  a'  gleidheadh  leabhar- 
latha  'n  a  ph6ca  anns  am  biodh  e  a'  sgriobh- 
adh gach  ni  a  bha  tachairt  air,  na  smuain- 
tean  agus  na  faireachduinnean  a  bhiodh  a 
tighinn  'n  a  chridhe  a  thaobh  nithean  spior- 
adail,  agus  a  thaobh  nithean  eile  cuideachd. 
Gabhaidh  an  leabhar  sin  ceannach  ann  am 
btith  air  bith  a  bhios  a  reic  leabhraichean, 
agus  is  fhiach  e  a  leughadh. 

Thug  na  leabhraichean  a  sgriobh  e  deich 
mile  fichead  punnd  Sasunnach  a  steach,,  dha, 
ach  thug  e  seachad  sin  uile  ;  an  uair  a  shiubh- 
ail  e  cha  d'  fhkg  e  ach  se  fichead  punnd 
Sasunnach,  agus  an  t-eaoh,  agus  deannan 
spkinnean.  Ach  dh'  fhag  e  oighreachd  a  b' 
fhekrr,  an  eaglais  Mhethodach,  te  de  na 
h-eaglaisean  Prostanach  as  motha  air  an 
t-saoghal. . 


Aireamh  2 


1947 


Searrag  Anns  An  Deathaich 

Leis  an    Urr.  Calum  MacLedid,  M.A.,  Nach  Maireann. 
"  Oir  tha  mi  mar  shearraig  ann  an  deataich." — Salm  cxix.  83. 


"  OIR  tha  mi  mar  shearraig  aim  an  death- 
aich," arsa  an  Sahnadair.  Smaoinich  air 
puta  crochte  ann  an  caochan  na  deathaich, 
agus  tuigidh  tu  an  ni  a  bha  an  Sahnadair 
ag  ciallachadh.  Is  e  craiciorai  a  bha  san 
t-searraig.  Bha  feannadh  builg  air  a  dhean- 
amh  air  caora  no  air  gabhar,  agus  an  craicionn 
air  a  chleachdadh  'na  shoitheach  gu  btiith 
cumail  fiona  no  ola  no  ni  sam  bith  de  'n 
t-se6rsa  sin.  Cha  robh  4ite  bu  fhreagarraiche 
gus  an  t-searrag  a  chur  as  an  rathad  na  a 
crochadh  ris  an  tallan  no  air  an  sparr.  Agus 
cha  bhiodh  i  fada  an  so  gus  am  biodh  dreach 
na  deathaich  oirre. 

Is  ann,  ma  thk,  ri  searrag  de  'n  t-seorsa 
so  a  tha  an  Salmadair  'ga  shamhlachadh 
fhein.  Bha  e  air  a  sh^rachadh  le  geur- 
leanmhuinn,  agus  air  a  chuairteachadh  le 
luchd  mi-ruin  ;  bha  daoine  mora  a'  deanamh 
dimeas  is  t4ire  air,  air  son  a  chr^bhaidh  's 
a  chreidimh.  Bha  n^imhdean  o  'n  taobh 
a  muigh,  ann  an  iomadh  riochd,  a'  deanamh 
nia  b'urrainn  iad  'na  aghaidh  a  chionn  gu 
robh  e  a'  leantainn  lagh  is  reachd  lehobhah . 
Bha,  a  rithis,  teagamhan  o  'n  taobh  a  stigh 
'ga  sh^rachadh,  air  eagal  gun  gabhadh  e 
nkire  de  aobhar  an  Tighearna.  Bha  an 
saoghal  is  daoine  a'  feuchainn  ri  a  thoirt  a 
thaobh,  agus  bha  peacadh  is  anmhuinneachd 
a  chridhe  fhein  'ga  sh^rachadh.  Bha  e  an 
droch  shuidheachadh  —  suidheachadh  a  bha 
an-fhoiseil  agus  duihch  a  ghitilan  do  neach 
air  an  robh  eagal  Dhe. 

"  Air  fantuinn  dhomh  gu  fad  am  thamh, 
Laigh  air  mo  chnamhan  aois  : 
Laigh  dusd  is  sgleo  ro  mh6r  is  b^s, 
Laigh  duibhr'  a  ghnath  is  daors'  ; 
Laigh  tosd  is  bron  air  iomadh  fath, 
Laigh  cuing  an  aite  saors'  ; 
'S  mur  faigh  mi  fuasgladh  nuas  o  'n  aird, 
Dhomh  's  dualach  smaig  an  aoig." 

"  Tha  mi,"  ars  esan,  "  mar  an  t-searraig 
anns  an  deathaich  ;  eadar  a  h-uUe  ni  a 
th  'ann  cha  mhor  gu  bheil  tarruing  analach 
agam."  ..  ■  ■ 


Agus  nach  e61ach  air  an  t-suidheachadh 
a  tha  an  so  m6ran  de  shluagh  an  Tighearna  ? 
Air  an  cuairteachadh  le  ^mhghairean  is 
trioblaidean  is  n^imhdean  o  'n  taobh  a 
muigh,  agus  air  an  s^rachadh  le  teagamhan 
is  eas-creideamh  o  'n  taobh  a  stigh  ;  nithean 
agus  muinntir  a  bu  chdir  a  bhith  'nan  neart 
do  an  creideamh  agus  'nam  beathachadh 
do  an  ddchas,  is  ann  a  tha  iad  'nan  aobhar 
taire  is  maslaidh.  Nam  b  'ann  a  reir  coltais 
a  bhiodh  a'  chilis  is  ann  a  theireadh  tu  gu 
robh  freasdal  Dhe  fhein  'nan  aghaidh.  Agus 
seach  gu  bheil  mothachadh  spioradail  is 
faireachadh  be6  air  an  siubhal  tha  iad  ml- 
riaraichte  is  an-fhoiseil.  Tha  iad  direaoh 
mar  neach  'na  shuidhe  anns  an  deathaich. 
Ach  is  maith  nach  ann  a  reir  coltais  a  tha 
an  cuis  — •  "  gur  ann  a  tha  gach  ni  ag 
oibreachadh  chum  maith  do  'n  dream  aig  a 
bheil  gradh  do  Dhia  "  —  do  'n  dream  a  tha 
cur  am  muinghmn  ann  an  reachdan  leho- 
bhah. 

I. — Seall,  ma  thk,  air  suidheachadh  na 
sear r aig. 

Tha  i  crochte  anns  an  deathaich,  air  a 
cuairteachadh  le  ni  a  chanas  an  t-siiU  nach 
'en  taitneach  no  maiseach  no  eadhon  furasda 
a  ghiulan.  Agus  rud  eile,  cha  bhi  i  fada 
ann  gus  am  bi  dath  is  dreach  na  deathaich 
oirre.  So  an  suidheachadh  anns  an  robh 
an  Salmaldh,  agus  anns  am  bi  sluagb  an 
Tighearna  iomadach  uair.  Saoilidh  iad  fhein 
agus  muinntir  eUe  nach  'eU  sgeimh  no 
grinneas  orra.  Tha  trioblaidean  is  briseadh 
cridhe  'gan  s^rachadh,  agus  a'  toirt  an 
aoibhneis  air  falbh.  "  Gidheadh  cha  do 
dhi-chuinhnich  iad  reachdan  Dhe."  Agus 
thug  Dia  dhaibh  fuasgladh  agus  furtachd  ; 
agus  thuig  iad  fa-dheoidh  gun  d'oibrioh 
gach  deathach  is  ceo  chum  maith  dhaibh 
seach  gu  robh  a  laithreachd  fhein  maiUe  riii 
fad  an  t-siubhail. 

Ach  tha  iomadach  ni  ann  an  suidheachadh 
na  searraig  a  tha  feumaU.  Tha  an  deathach 
fhein  feumair  air  son  iomadach  ni.  Is  e 
an  deathach  a  ni  stiidh,  agus-  tha  an-s(iith 


feumail  air  son  tothair  ;  bheir  e  fas  air  gach 
b^rr  is  p6r.  Ma  theid  an  deathach  a  stitiradh 
anns  an  doigh  as  coir  dhi  's  ann  a  ni  i  feum — 
ni  i|  suith,  agus  bheir  an  stiith  fks  air  b^rr 
is  arbhar.  Fhaic  thu,  ged  is  searbh  an 
stiith,  ni  e  dath  br^agha  buidhe  —  buidhe, 
an  dath  a  tha  'na  chomharra  air  s^sachadh 
is  s61as.  Is  buidhe,  ma  th^,  do  shluagh  an 
Tighearna  ;  agus  tre  thrioblaidean  is  ^mhgh- 
atrean  ni  an  Tighearna  iad  fa-dhe6idh  l^n 
bhuidheach  le  an  suidheachadh  's  le  an 
staid.  'S  e  an  deathach  a  ghreidheas  an 
fheoil  reiste  ;  agus  tha  bias  is  beathachadh 
san  fheoil  reiste  nach  'eil  am  feoil  sam  bith 
eile.  Agus  an  uair  a  tha  gach  ni  eile  gann 
bheirear  l^mh  air  an  fheoil  a  tha  greidhte 
san  deathaicb.  Is  minic  a  bheir  an  Crios- 
daidh  Ikmh  air  na  thug  Dia  dha  ann  an 
trioblaid  's  ann  an  teinn,  agus  a  tha  gle 
reiste  ann  an  deathaich  's  ann  an  ^mhghar. 
Agus  is  e  a  ni  an  greim  mills  ;  's  ann  ann  a 
tha  an  sugh  's  an  s^sachadh. 

Far  am  bi  ceo  bidh  teine,  agus  far  am  bi 
teine  bidh  births  is  tiormachd.  Is  ann  a 
chum  's  gum  bi  iad  tioram  greidhte  a  th^tar 
ag  crochadh  nam  putan  san  deathaich.  Cha 
lobh  's  cha  ghrod  iad  anns  an  deathaich  ; 
cha  bhi  fliuchadh  no  fuarachd  orra  ann  an 
caochan  ceothadh.  Agus  is  iomadh  blaths 
naomh  agus  tiorachd  grMdh  spioradail  a 
rainig  air  sluagh  an  Tighearna  tre  dheathaich 
amhghair  is  eigin  an  t-saoghail  so.  Ged  a 
bha  iad  anns  an  deathaich,  bha  teine  graidh 
an  t-Sl^nuigheir  air  fhadadh,  agus  cha 
b'  fhada  gus  an  do  las  e  'nan  cridhe.  Agus 
tha  iomadach  blaths  is  coibhneas  an  cois 
an  teine.  Far  am  bi  teine  dea.saichear 
biadh.  Is  fhada  bho  chuala  mi:  "  tigh 
bochd,  tigh  gun  teine  gun  tuar."  Bidh  an 
tuar,  no  am  biadh,  an  cois  an  teine  ;  agus 
bidh  coibhneas  is  cairdeas  is  fialaidheachd 
an  cois  a'  bhidh.  'S  e  tigh  bochd  tigh  gun 
ce6  as  ;  's  e  fardaich  thruagh  tigh  gun  teine 
gun  tuar. 

Tha,  ma  tha,  a  beannachd  fhein  an  cois  na 
deathaich.  Tha  mi  mar  shearraig  anns  an 
deathaich.  Tha,  agus  tha  an  deathach 
geur  agus  trom  air  na  siiilean,  ach  ged  tha 
fhein,  rinn  i  feum  dhuinne.  Chuir  i  sinn 
a  dh'  ionnsaigh  Facal  Dhe  agus  las  i  an  teine 
so  dhuinn  :  "  Rinneadh  am  Facal  'na  fhedil, 
agus  ghabh  e  comhnaidh  'nar  measg-ne,  agus 
chunnaic  sinn  a  ghloir  mar  ghloir  aon-ghin 
Mic  an  Athar,  l^n  gr^is  agus  firinn.  Agus 
as  a  lanachd-san  fhuair  sinne  uile,  agus  grks 
air  son  grais."  "  Tha  mi  mar  shearraig 
anns  an  deathaich,  ach  cha  do  dhi  -  cuimhnich 
mi  t'  Fhocal-sa."  "  An  Dia  a  fhreagras 
le  teine,  biodh  esan  'na  Dhia." 


SEARRAG  ANNS  AN  DEATHAICH 

/ 

II.  Faic, a nis, anlan a hha san t-searraig. 


Cha  b  'ann  falamh  idir  a  bha  an  craicionn 
nuair  a  bha  e  air  a  chrochadh  air  an  t- 
sioman.  Nam  b'  ann,  chruadhaicheadh  e 
agus  reachadh  e  air  a  cheile  air  a  leithid  a 
dh6igh  agus  gun  teidheadh  e  dhith.  Cha 
robh  maith  searrag  fhalamh  a  chrochadh 
anns  an  deathaich,  air  neo  cha  b'  fhada  gus 
an  sgreidheadh  's  an  cruadhaicheadh  i  san 
teas. 

Rud  eile,  nam  b'  e  bainne  a  bhiodh  innte, 
cha  b'  fhada  gus  an  rachadh  e  dholaidh  ; 
ann  am  beagan  iiine  bhiodh  e  tiugh  agus  air 
binnteachadh  air  a  leithid  a  dhoigh  agus 
nach  tigeadh  e  a  mach  as  an  t-searraig. 
Nam  b'  e  uisge  fheia  a  bhiodh  ann,  mhilleadh 
blaths  na  deathaich  e  gu  maith  obann.  Ach 
is  e  an  l^n  a  bhiodh  anns  an  t-searraig  a 
bh^thas  ag  crochadh  anns  an  deathaich 
fion  no  ola.  Bha  an  da  ni  so  air  an  gleidh- 
eadh  agus  air  an  greidheadh  ann  an  searraig 
crochte  ri  sparr  no  air  an  t-sioman.  Agus 
b'  e  so  beatha  na  searraig ;  bha  am  fion 
no  an  ola  ag  cumail  a'  chraicinn  tir  fallain. 
Tha  cuimhne  agam  fhein  a  bhith  faicinn  nan 
iasgairean  ag  cur  bith  anns  na  putan  mus 
crochadh  iad  ris  na  taobhaia  iad  air  son  a' 
gheamhraidh.  Bha  so  'gan  cumail  gun 
chrionadh,  gun  sgreidheadh.  'S  ann  a 
leaghadh  an  deathach  's  an  teas  a'  bhith 
a  bha  am  broinn  a'  phuta,  agus  dh'  oladh 
an  craicionn  na  bha  e  ag  cur  feum  air  de 
bheathachadh  as  a'  bhithidh.  'S  ann  mar 
so  a  bha  na  searragan  anns  an  robh  fion  no 
ola  ;  bha  an  l^n  a  bha  'nam  broinn  'gam 
beathachadh.  'S  e  an  ni  a  ghleidh  an 
Salmadair,  ma  thk,  gu  robh  ola  nan  gr^s  'na 
anam,  gu  robh  fion  an  Spioraid  a'  lionadh 
a  chridhe.  "  Tha  mi  mar  shearraig  anns  an 
deathaich,"  agus,  mar  a  tha  an  t-searrag 
Ian  fiona,  tha  reachdan  an  Tighearna  a' 
lionadh  m'  anama-sa.  Nam  b'  e  Ian  sam 
bith  eile  a  bhiodh  ann,  mhilleadh  deathach 
an  t-saoghail  's  an  Namhaid  anam.  Ach 
mar  a  bha,  is  ann  a  bha  an  deathach  's  an 
teas  'nam  meadhon  air  a'  chraicinn  a  bhith 
ag  61  beathachaidh  as  an  fhion  no  as  an  ola. 
"Tha  dear bhachd  agam,"  ars  an  t-Abstol, 
"  gun  oibrich  gach  ni  chum  maith  do  'n 
dream  aig  a  bheil  gradh  do  Dhia,"  an  dream 
aig  a  bheU  fion  a'  ghraidh  anns  a'  chridhe, 
's  ann  a  ni  an  deathach  feum  dhaibh.  Is 
iomadh  puta  a  ghrod  's  a  lobh  anns  an  luim 
fo  thobhta  dheiridh  a'  bh^ta,  a  bhiodh 
dionach  fallain  nan  robh  iad  crochte  san 
deathaich. 


lOMRADH  AIR  LEABHAR  UR 


III.  Agus,  a  rithis,  faic  a'  bhuaidh  a  bha 
aig  an  deathaich  air  na  bha  am  broinn 
na  searraig. 
Bha  an  deathach  ag  abachadh  an  fhiona 
a  bha  san  t-searraig.,  'S  e  am  fion  a  bha 
crochte  san  deathaich  bu  luaithe  agus  a  b' 
fhearr  a  dh'  abaicheadh  na  fion  sam  bith 
eile.  Agus  mar  a  b'  fhaide  a  bhiodh  e  san 
deathaich,  's  ann  a  b'  fhearr  a  bha  am  fion 
a'  f^s.  Bha  an  ola  air  an  doigh  cheudna. 
Bha  e  'na  chleachdadh  aca-san  a  bhith 
gabhail  ola  le  am  biadh  mar  a  bhios  sinne 
ag  gabhail  ime  ;  b'  e  an  ola  an  t-annlan 
bu  mhotha  a  bha  agus  a  tha  fhathast  aca 
ann  an  tir  Phalestin.  Agus  bha  an  ola  a  bha 
san  t-searraig  anns  an  deathaich  ag  abachadh 
agus  a'  sioladh  na  b'  fhearr  na  ola  sam  bith 
eile.  Bha  an  deathach  a'  deanamh  so. 
Nach  iomadh  anam  a  dh'  abaich  trioblaidean 
agus  amhghairean.  Fhuair  an  Salmaidh 
aithne  air  an  so.  "  Bha  mi,"  ars  esan, 
"  mar  shearraig  anns  an  deathaich  ;  ach 
ged  bha  sin  saraichte  air  stiU  's  air  slugan, 
dh'  abaich  e  mi  air  son  nithean  spioradail 


agus  air  son  focal  is  fabhor  Dhe  agus  air  son 
na   siorraidheachd." 

Agus,  a  rithis,  bha  bias  air  leth  air  an 
fhion  no  an  ola  a  bha  crochte  san  deathaich  ; 
bha  iad  na  bu  mhUse  agus  na  bu  bhlasda  na 
fion  no  ola  sam  bith  eile.  Bha  an  deathach 
a'  deanamh  so  cuideachd.  So  am  fion  as 
■fhearr,  am  fion  a  bhios  air  a  chleachdadh  aig 
suipeir  bainnse  an  Uain.  So  an  ola  a 
gheibhear  air  sliabh  nan  crann-ola  far  an 
robh  garadh  Ghetsemane.  "  Tha  m'anam," 
ars  esan,  "  bronach  eadhon  gu  b4s."  Tha 
m'  anam  anns  an  deathaich.  So  an  ola  a 
bha  aig  na  h-6ighean  glice  'nan  soithichean 
's  'nan  lochrain  — •  ola  l^n  abaich  agus  air 
a  deagh  shioladh  ;  ola  blasda  r  'a  h-61  agus 
maith  a  chum  soluis  ;  ola  a  lasas  gu  dealrach 
an  uair  a  sgeadaicheas  na  daoine  an  lochrain 
agus  a  theid  iad  a  mach  an  coinneamh  an 
Fhir-nuadh-phosda.  Agus  is  e  Fear-an- 
graidh  a  gheibh  am  bias  mUis  air  fion  graidh 
an  anama.  'S  e  ni  an  gairdeachas  ann  am 
maise  's  an  deakachd  a  shluaigh,  eadhon 
iadsan  a  bha  "  mar  shearraig  anns  an 
deathaich." 


lomradh  Air  Leabhar  Ur 

Comunn  Gaidhlig  Inbhir-nis,  Leabhar  XXXVII. 
Leis  an   Urr.   T.  M.  MacCalmain,  M.A.,  Olaschu. 


BU  mhath  leam  iomradh  a  dheanamh  air 
leabhar  hx  a  thainig  a  mach  o  chionn  ghoirid. 
Is  e  so  leabhar-oraidean  Comunn  Gaidhlig 
Inbhir-nis.  Shuidhicheadh  an  Comunn  so 
an  1871,  agus  bha,  is  tha,  e  'na  chleachdadh 
aig  a'  Chomunn  a  bhith  trusadh  ri  cheile 
agus  ag  cur  an  clo  bho  am  gu  am  a'  mhor- 
chuid  de  na  paipearan  is  oraidean  a  leughadh 
aig  coinneamhan  a'  Chomuinn  geamhradh 
an  deidh  geamhraidh. 

Is  e  an  leabhar  iir  so  an  seachdamh  leabhar 
deug  thar  fhichead  a  chuir  an  Comunn 
Gaidhlig  a  mach.  Anns  na  leabhraichean 
sin  tha  saoibhreas  eolais  taisgte  mu  ch^nain, 
ceol,  litreachas,  eachdraidh  agus  cleach- 
daidhean  nan  G^idheal,  agus  is  iomadh 
neach  foghluimte  aig  an  robh  lamh  ann  an 
trusadh  an  eolais  so.  Tha  mi  'gam  mheas 
fhein  da-riribh  fortanach  gu  bheil  na  leabh- 
raichean sin  uile  (37)  agam  ;  ged  a  gheibhinn 
saoghal  thar  na  tha  duU  ris,  cha  tig  an  latha 
Snns  nach  amais  mi  air  rud-eigin  ur  agus 
feumail  anns  na  leabhraichean  priseil  so. 
Nan  robh  agam  ris  gach  leabhar  Gaidhlig 
is  Gaidhealach  eile  a  th'  agam  a  chur  bhuam, 
chumainn  leabhraichean  Comunn  Gaidhlig 
Inbhir-nis  gus  a'  mhionaid  mu  dheireadh. 


Is  e  leabhar  tiugh  tomadach  a  tha  an 
Leabhar  XXXVII ;  tha  corr  is  ceithir  cheud 
taobh-duilleig  ann.  Agus  tha  e  eireachdail 
'na  dhreach, 

Tha  an  leabhar  a'  toiseachadh  le  dealbh 
an  Ollaimh  Urramaich  Gilleasbuig  Domh- 
nallach,  agus  a'  toirt  cunntais  air  a  bheatha 
agus  a  shaothair.  Is  e  an  t-OUamh  Gillea- 
buig  Domhnallach  "  Athair  Eaglais  na  h- 
Alba,"  am  ministear  as  sine  a  th'  innte  an 
ceartair.  Tha  e  ceithir  fichead  bliadhna 
's  a  tri-deug  a  dh'  aois,  ach  tha  e  fhathast 
gu  dichiollach  ag  cumail  a  phinn  air  ghleus 
agus  ag  cur  ri  litreachas  na  Gaidhealtachd. 
Mairidh  a  chliu  mar  tighdar  (comhla  ris  an 
Ollamh  Aonghas  Domnallach  nach  maireann) 
eachdraidh  Chloinn  DomhnaiU,  mar  ughdar 
an  leabhair,  Na  Baird  Uidhisteach,  agus 
leabhraichean  eUe,  'Nam  bheachd  fhein  chan 
'eil  neach  ann  a  chuirinn  air  thoiseach  air 
mSr  eadar-theangair  o  chanainean  eile  gu 
Gaidhlig.  Gheibhear  anns  An  Laoidheadair 
(1935)  4ireamh  laoidhean  Gaidhlig  a  dh' 
eadar-theangaich  e  o'n  Bheurla.  Ach  's 
docha  leam  fhein  eadar-theangachadh  a  rinn 
e  air  laoidh  Thennyson  {CMirch  Hymnary, 
No.     588 — "  Sunset     and     evening     star'  '). 


lOMRADH  AIR  LEAfeHAR  UR 


Chaidh  an  t-eadar-theangachadh  aig  an 
Ollamh  D6mhnallach  a  chuir  an  clo  anns  na 
duilleagan  so  an  1930,  agus  tha  mi  an  dochas 
gun  ceadaich  an  t-tighdar  agus  am  fear- 
deasachaidh  dhomh  a  chur  sios  an  so  a 
rithist,  oir  faodaidh  feadhainn  a  bhith  ann 
nach  fhaca  riamh  e  : 

"  Reul  feasgair  's  laighe  grein 

Is  aon  ghairm  ghlan  bho  'n  ^ird, 
'S  na  cluiimtear  g^ir  nan  oitir-thonn  learn 
fein 
Nuair  th^id  mi-  mach  air  skU  ; 
Ach  seimh  sheol-mara  sithchail  mar  aig 
clos, 
Gun  chobhar  no  gun  fhuaim  ; 
Nuair  ni  e  triall  gu  citiin  bho  chuairt  a 
bhos 
Gu  dhachaidh  bhuan. 

"  Clag  feasgair  's  dubhar  speur 
'S  an  oidhche  tuiteam  balbh  ; 
'S  na  cluinntear  dubhachas  a'  bhroin  learn 
fein 
Aig  am  dhomh  falbh  ; 
Oir,  ged  a  ghiiilaiaeas  an  sruth  mi  null 

Thar  criph  mo  roid  's  mo  la, 
M'Fhear-itiil  gu  faic  mi  fhathast  gntiis  ri 
gnuis 
An  cala  caomh  an  aigh." 

Ach,  gus  tilleadh  gu  Leabhar  XXXVII 
Comunn  Gaidhhg  Inbhir-nis,  tha  tri  oraidean 
deug  anns  an  leabhar,  gach  aon  dhiubh 
fiachail.  Taghaidh  gach  neach  a  reir  a 
chkH,  ach  's  e  mo  cheud  roghainn  fhein  a' 
cheud  oraid  anns  an  leabhar,  anns  a  bheil 
Mgr.  Donnchadh  Domhnallach,  maighstir- 
sgoile  an  Leodhas,  ag  cur  cruinn  Ikn  corr  is 
leth-cheud  taobh-duilleig  de  fhacail  is  ghnkth- 
asan-cainnte  neo-chumanta  a  thrus  e  am 
Be^rnaraidh  Leodhais.  Chan  'eil  sinn  idir 
gann  de  fhaclairean  G^idhlig,  ged  nach  'eil 
sinn  14n-riaraichte  le  gin  aca.  Ach  tha 
m6ran  fhacal  fhathast  air  bilean  an  t-sluaigh 
GhMdhealaich  nach  fhaighear  ann  am  faclair, 
agus  is  math  gum  biodh  iad  air  an  cruin- 
neachadh  agus  air  an  an  cur  air  paipear  mus 
teid  iad  a  cleachdadh  's  d  cuimhne.  Cia 
meud  de  'n  luchd-leughaidh  a  thuigeas  na 
r^dhan  's  na  facaU  so  (cha  d  'ritin  mi  ach  an 
togail  an  sud  's  an  so  4  paipear  Mhgr. 
Domhnallach)  :  "  Thug  e  gorrathadh  as  "  ; 
"  glutadh  "  ;  "  roUl  ris  a'  bhus  aige'"  ; 
"  sgluis  "  ;  "  stiora  "  ;  "  doimhthearr  "  no 
"  deatharr  "1 

Tha  Mgr.  Niall  R.  Moireasdan  4  MuQe  a' 
toirt  cunntais  air  "  Clann  DuUigh  :  "  Piob- 
airean  Chloinn  GhUleathain."  Agus  tha 
paipear    ann    a     sgriobh    Mgr.     Somhairle 


MacGilleathain  ann  am  Beurla  mu  "  Realism 
in  Gaelic  Poetry.'^  'S  e  b^rd  comasach  a  tha 
an  Somhairle  MacGilleathain  e  fh^in,  agus 
tha  e  dol  gu  foghlaimte  agus  gu  domhain  a 
steach  ann  am  bardachd  Gh^idhlig. 

Tha  Mgr.  Seoras  MacGhille-bh^in  a' 
sgriobhadh  mu  ealain-dealbhaidh  nan  CeU- 
teach  (''  Celtic  Art  ").  Ann  am  feadhainn 
eUe  de  leabhraichean  Comunn  Inbhir-nis 
tha  an  Lighiche  Mac  a'  Bhreatnaich  k  Inbhir- 
pheofharain  cheana  air  oraidean  luachmhor 
a  chur  an  clo  mu  'n  chuspair  so.  Ach  tha 
Mgr.  MacGhille-bh4in  a'  toirt  am  follais 
m6ran  de  fhiosrachadh  tir,  agus  gu  sonraichte 
tha  e  a'  leigeil  fhaicinn  nan  d6ighean  is 
innleachdan  dealbhaidh  a  bh  'aig  na  CeU- 
tich. 

Tha  Mgr.  Murchadh  Moireach  a'  sgriobh- 
adh mu  "  Mhairi  Nighean  Iain  Bh^in,"  no 
"  Mairi  Mh6r  nan  Oran."  Agus,  mur  'eU 
mi  ag  ainmeachadh  nan  oraidean  's  nan 
oraidearan  eUe,  cha  dubhairt  sin  nach  'eil 
na  sgriobh  iad,  taitneach  agus  feumail. 
Chan  'eil  mi  ag  aiameachadh  ach  a'  bheagain 
a  fhuair  mi  uine  ri  leughadh  fhathast. 
Theid  mi  am  bad  na  feadhna  eile  aig  a' 
cheud   chothrom. 

Ach  tha  d^  phaipear  eile  aim  air  nach 
tug  mi  iomradh  fhathast,  ach  feumaidh  mi 
tarraing  a  thoirt  orra,  oir  tha  iad  a'  togail 
cheistean  cudthromach  a  thaobh  seann 
eachdraidh  nan  Gaidheal.  Is  iad  sin  oraid 
leis  an  Ollamh  MacBhatair  air  "  Eachdraidh 
na  Gaidhlig  an  Albainn,"  agus  oraid  leis  an 
Ollamh  Mall  Ros  nach  maireann  air  *'  Ceud- 
thoiseachadh  na  Gaidhlig  Albannaich."  Tha 
an  d^  oraid  sin  am  Beurla,  agus  tha  iad  an 
aireamh  dhoighean  a'  nochdadh  bheachdan 
a  tha  gu  tur  an  aghaidh  a  cheUe. 

Tha  e  air  a  r^dh  gu  robh  coille  dhomhail 
ag  cdmhdach  na  mor-chuid  de  Albainn  aig 
tiis  eachdraidh  na  diithcha  so.  Tha  eagal 
orm  gu  bheil  na  sgoUearan  mora  againn  air 
chall  anns  a'  choille  sin  fhathast,  agus  iad 
a'  lorg  sinnsireachd  nan  Gaidheal.  Chan 
e  coire  nan  sgoilearan  a  tha  sin,  oir  is  e 
gle  bheag  a  tha  maireann  an  diugh  gu  solus 
a  chur  air  na  linntean  dorcha  o  chian. 

An  uair  a  theid  luchd-eachdraidh  am  bad 
seann-eachraidh  duthcha  sam  bith  a'  sgriobh- 
adh, tha  Aireamh  chuspairean  aca  ris  an 
amhairc  iad  an  dochas  gum  faigh  iad  criomag 
eolais  an  sud  's  an  so  a  chuidicheas  leotha 
ann  a  bhith  deanamh  iomraidh  choimhlionta 
air  sluagh  agus  tachartasan  nan  aimsireaii 
cian. 

Gheibhear  cuideachadh  ann  an  seaim 
l^mh-sgriobhainnean  (ach  mar  as  fhaide 
theid  neach  air  ais,  's  ann  as  teirce  iad  so), 
ann    an    seann    ainmean-aitean,    ann    am 


AN  T-URRAMACH  ALASDAIR  MAC-AN-T-8AGAIRT,  M.A. 


beul-aithris,  ann  am  fuighleach  a  dh'  fhag 
sluagh  nan  seann  l^ithean  anns  na  h-^itean 
anns  an  do  thuinich  iad.  Is  e  gle  bheag  de 
sgoilearan,  ma  tha  gin  idir  ann,  as  urrainn  a 
bhith  l^n-eolach  air  na  cuspairean  sin  uile  : 
foghnaidh  a  h-aon  de  na  cuspairean  sin  mar 
chtiis-sgrudaidh  do  aon  neach  fad  a  bheatha. 
Mar  sin,  tha  gach  sgoilear  buailteach  cus 
taic  a  chur  anns  an  eolas  a  choisinn  e  bho  'n 
sgrtidadh  a  rinn  e  fhein,  agus  a  bhith  dearmad 
buil-rannsaehaidh  sgoilearan  eile  ann  an 
oisnean  eile  de  'n  raon  fharsaing. 

Chan  'eil  rtim  an  so,  's  ged  a  bhiodh  chan 
'eil  sgoilearachd  agamsa,  gu  bhith  dol 
domhain  anns  na  ceistean  so,  ach  faodaidh 
mi  4ireamh  cheistean  ainmeachadh  a  thaobh 
a  bheil  sgoilearan  de  chaochladh  bheachd. 
Gu  de  an  daimh  a  bha  eadar  na  G^idheil 
agus  na  Breatannaich  1  C6  iad  na  Cruith- 
nich  agus  na  Piocaich,  agus  am  b'  iad  sin 
an  t-aon  seorsa  ?  An  e  Calum-cille  no 
Naoinean  a  bu  mhotha  aig  an  robh  buaidh 
ann  an  craobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil  an 
Albainn  ? 

0  chiorm  ^ireamh  bhliadhhachan  a  nise 
is  e  beachd  a'  mhor-chuid  de  na  sgoilearan 
Ceilteach  gu  bheil  dltith-cheangal  eadar 
sluagh  na  h-Eireann  agus  sluagh  na  h- 
Albann,  agus  gu  sonraichte  eadar  a'  Ghaidh- 
lig  Eireajinach  agus  a'  Ghaidhlig  Albannach, 
Anns  an  oraid  a  sgriobh  an  t-011.  Niall 
Ros  tha  e  ag  aicheadh  gu  bheil  an  ceangal 
eadar  Alba  is  Eire  cho  dluth  's  a  bha  moran 
a'  saoUsinn,  agus  tha  e  toirt  aobhair  air  son 
a  bheachd.  F^gaidh  mi  aig  feadhainn  eile 
a  radh  co-dhiubh  tha  no  nach  'eil  steidhean 
a  chuid  argumaid  cothromach. 

Tha  e  air  a  rkdh  nach  'eil  an  litir  "p  " 
r'a  fhaighinn  an  Gaidhlig  a  mach  o  fhacail- 
iasaid  a  thugadh  bho  'n  Laidionn  no  bho  'n 
Chuimrich ;  ach  bha  an  Dotair  Ros  ag 
radh  gu  bheil  facail  anns  a'  Ghaidhlig  nach 
do  ghabhadh  an  iasad  ach  aig  a  bheil  "  p  " 
annta,  mar  "  puinndreadh,"  "  piutharan," 
"  peidealan,"    "  pliacais,"    "  priach." 

A  rithist,  anns  a'  Ghaidhlig  mu  thuath, 
tha  na  facail  "  sruth,"  "  srian,"  "  sron,"  is 
feadhainn  eile  a  tha  toiseachadh  le  "  sr," 
air     am     fuaimeachadh     mar      "  struth," 


"  strian,"  "  stron."  Bha  an  t-011.  Roe 
de  'n  bheachd  gu  bheil  an  fhuaim  so  nas 
sine  na  linn  nan  GMdheal  a  thighinn  4  Eirinn 
do  Albainn.  Tha  na  Gaidheil  mu  thuath  ag 
radh  "fiar,"  "  ciad,"  "Had,"  "  siad,"  far 
an  can  Gaidheil  mu  dheas  "  fear,"  "  ceud," 
"  lend,"  "  seud."  So  fuaim,  a  r^ir  an  Oil. 
Ros,  nach  t^inig  a  Eirinn. 

A  rithist,  a  thaobh  rian-beatha  an  t- 
sluaigh  agus  am  beul-aithris,  bha  an  t-011. 
Ros  a'  faotainn  4ireamh  eadar-dhealach- 
aidhean  eadar  Eire  is  Alba.  Tha  eadhon 
cedl  na  h-Eireann  eadar-dhealaiohte  an 
caochladh  dhoighean  bho  che61  na  G^idh- 
ealtachd  againne. 

Tha  de  cheistean  air  an  togail  an  draid 
an  Oil.  Ros  na  chumadh  cagnadh  ruinn 
fad  iiine  mhoir. 

Tha  deagh-aithne  aig  a'  mh6r-chuid  aig 
a  bheil  tiidh  anns  na  cuspairean  sin  air 
beachdan  an  Ollaimh  MacBh^tair.  Chan 
'eil  neach  ann  aig  an  fhe^rr  eolas  air  brigh 
is  eachdraidh  seann  ainmean-aitean  na  h- 
Albann.  Anns  an  oraid  aige  an  Leabhar 
XXXVII  tha  e  ag  cur  sios  gu  soilleir  an 
dearbhaidh  a  th'  ann  gu  robh  a'  Ghaidhlig 
aon  uair  air  a  labhairt  air  feadh  a'  mh6r- 
chuid  de  Albainn,  agus  tha  e  toirt  iomraidh 
air  a'  bhuaidh  a  bh'  aig  Eirinn  air  Albainn. 

Bidh  gach  Gaidheal  aig  a  bheil  tiidh  'na 
chanain  's  an  eachdraidh  a  shluaigh  fo  mh6r 
chomain  do  Chomunn  Gaidhlig  Inbhir-nis 
au'  son  an  leabhair  thaitnich  tiir  so.  Gu 
robh  mile  taing  aig  an  Rtmaire  aca,  Alasdair 
N.  MacNeacail,  agus  an  Runaire  Urramach, 
an  t-OUamh  MacBh^tair.  Is  bochd  nach 
urrainn  do  'n  Chomunn  na  paipearan  aca 
a  chur  an  eld  nas  luaithe.  Tha  Leabhar 
XXXVII  a'  ruigheachd  na  bliadhna  1936, 
ach  anns  na  deich  bliadhna  mu  dheireadh 
tha  fhios  gur  iomadh  oraid  luachmhor  eile  a 
dh'  ullaicheadh  dhaibh  a  bu  choir  a  bhith 
an  clo,  agus  bhiodh  iad  an  clo  nan  robh  fada 
barrachd  sluaigh  ag  cuideachadh  a'  Chomuinn 
le  bhith  'nam  buill  agus  le  bhith  a'  toirt 
cuideachaidh-airgid  dhaibh,  oir  anns  na 
laithean  a  th'  ann  tha  e  gle  chosgail  leabhar 
mar  so  a  chur  an  clo,  agus  chan  ann  nas 
saoire  a  bhitheas  e. 


An  t-Urramach  Alasdair  Mac-an-t-sagairt,   M.A. 

Nach  Maireann 


An  t-Urr.   Tomas  M.  MacCalmain,  M.A. 


BITHIDH  iomadh  neach  duilich  a  chluinn- 
tinn  gun  do  chaochail  an  t-Urramach  Alasdair 
Mac-an-t-sagairt,  M.A.,  air  a'  15mh  de'n 
t-Samhuin. 


Bha  Mgr.  Mac-an-t-sagairt  ceithir  ficHead 
bliadhna  agus  a  dh^  a  dh'aois.  Rugadh 
e  agus  fhuair  e  a  cheud  oileanachadh  anns  a' 
Bhogha-Mh6r,    an   He,   agus   thug   e   mach 


AM  FACAL  MU  DHEIREADH 


fhoghlum  an  Ard-sgoil  Rioghail  Dhun- 
eideann  agus  an  Oil-thigh  a'  bhaile  sin. 
An  deidh  dha  bhith  treis  'na  mhisionaraidh 
an  Cnoideart  agus  an  Cill-Bhrighde  (Cill- 
Fhionain),  chaidh  a  shuidheachadh  mar 
mhinistear  sgk  Ghlinn-Eilge  an  1890,  agus 
an  sin  chuir  e  seachad  a  bheatha  uile.  Leig 
e  dheth  uallach  na  sgne  an  1931,  ach  lean  e 
air  anns  an  t-seann  Mhansa  gus  an  d'eug  e. 
Mar  sin  bha  e  'na  mhinistear-sgire  san  aon 
sgire  fad  dk  fhichead  bliadhna  's  a  h-aon, 
agus  bha  e  d^  fhichead  bliadhna  agus  a 
sia-deug  uile  gu  leir  ann  am  Mansa  Ghlinn- 
EHge. 

Tha  sinn  beo  an  laithean  cabhagach, 
l^ithean  anns  am  miann  le  daoine  bhith 
trie  air  ghluasad  o  ^ite,  agus  is  ainneamh 
an  diugh  na  ministearan  a  tha  fuireach 
fad  sam  bith  an  aon  ^ite.  Tha  moran  ri 
r^dh  an  aghaidh  gum  biodh  ministear,  no 
neach  eUe  a  tha  an  seirbhis  an  t-sluaigh,  a' 
fuireach  ro  fhada  san  aon  aite  ;  ach  tha 
m6ran  ri  radh  cuideachd  air  taobh  an  t- 
seann  chleachdaidh.  'S  e  ni  mor  agus 
taitneach  a  tha  ann  gum  biodh  am  fear 
a  th^inig  do  sgir  'na  mhinistear  6g  a'  fuireach 
ann  cho  fada  gus  mu  dheireadh  gu  bheil 
e  air  aon  dhiubh-san  as  sine  anns  an  sgke. 
Tha  e  an  uair  sin  da-rireabh  'na  athair  am 
measg  a  shluaigh  ;  agus  is  ann  mar  sin  a 
bha  ar  caraid  nach  maireann.  A'  chlann 
a  bhaist  e  'na  cheud  laithean  an  Glinn-Eilge, 
phos  e  iad,  agus  bhaist  e  an  cuid  cloinne. 

Bha  uidh  aig  Mgr.  Mac-an-t-sagairt  do 
gach  ni  a  bhuineadh  do  leas  agus  maith  na 
sgire,  araon  an  nithean  spioradail  agus  an 
nithean  aimsireil.  Bha  e  'na  mhinistear 
dileas  agus  'na  dheagh  shearmonaiche  an 
G^idhlig  agus  am  Beurla.  Bha  dreach  na 
sgoUearachd  air  gach  ni  a  labhair  e,  ged  a 
chanadh  feadhainn  air  uairean  gu  robh  cuid 
de  a  shearmonan  os  an  cionn. 

Chuireadh  Mgr.  Mac-an-t-sagairt  e  fhein 
thuige  gus  gach  ni  a  dheanamh  do  neach 
air  bith  a  dh'  iarradh  cobhair  bhuaith,  ciod 


air  bith  eaglais  d'  am  buineadh  iad.  Is 
iomadh  saothair  a  rinn  e,  eadhon  dhaibh-san 
nach  abradh  fiii  aon  fhacal  taing. 

Bha  Mgr.  Mac-an-t-sagairt  gu,  math  fios- 
rach  mu  lagh  na  h-eaglaise,  agus  cha  b' 
ionghnadh  sin,  oir  bha  e  corr  is  da  fhichead 
bliadhna  'na  Chleireach  aig  Cleir  Loch 
Carrain  agus  faisg  air  fichead  bliadhna  'na 
Chleireach  aig  Seanadh  Ghlinn-Eilge.  Bha 
e  cuideachd  'na  bhall  de  chomhairlean  an 
Ard-Sheanaidh,  gu  sonraichte  Comhairle 
na  Gaidhealtachd  agus  nan  Eilean.  Anns 
na  seann  laithean  bha  e  'na  cheann-suidhe 
air  Bord  na  Sgoile  agus  air  Bord-riaghlaidh 
na  sgire,  agus  an  deidh  sin  thug  e  treis  air 
Comhairle  na  Siorrachd  agus  air  Comhairle- 
foghluim  na  Siorrachd.  Agus  iomadh  ni 
eile  a  bharrachd  air  sin  rinn  e.  Cha  robh 
e  soirbh  dha  cuireadh  no  dleasdanas  a 
dhiultadh. 

Thachair  gur  mise  a  lean  e  mar  mhinistear 
sgir  Ghlinn-Eilge.  Bha  e  eolach  orm  bho 
m'oige,  agus  bu  choibhneil  agus  bu  ghlic 
a  stiuir  e  mi  ann  an  ceud  bhliadhnachan  mo 
mhinistrealachd  ;  ach,  ged  a  bha  e  fhathast 
a'  fuireach  san  sgir,  cha  do  ghabh  e  gnothach 
ri  ni  nach  buineadh  dha  ;  ach,  an  uair  a 
dh'  iarrte  air,  bheireadh  e  a  chomhairle  agus 
a  chobhair  gun  d4U. 

Chaochail  a  bhean  choir  mu  choig  miosan 
air  ais.  Bha  iad  le  cheile  aoibheil,  coibhneil. 
Is  iomadh  diol-deirce  agus  truaghan  a  fhuair 
biadh  is  aodach  is  fasgadh  bhuapa. 

Bhuineadh  bean  Mhgr.  Mhic-an-t-sagairt 
do  'n  ^ird  an  ear-thuath,  ach  cha  b'  aithne 
dhomhsa  neach  a  b'  fhiosraiche  na  i  air 
seann  eachdraidh  is  sgeulachdan  na  Gaidh- 
ealtachd. Is  iomadh  comhradh  toilichte  a 
bha  agamsa  agus  aig  iomadh  aon  eUe  ann  an 
seann  Mhansa  Ghlinn-Eilge. 

Bithidh  cuimhne  chiibhraidh  air  an  dithis 
nach  maireann  fad  iomadh  latha,  agus  gu 
sonraichte  anns  an  sgir  sin  far  an  do  shaoth- 
raich  iad  cho  dileas  agus  cho  fada. 


Am  facal  mu  dheireadh 


O  CHIONN  bhliadhnachan  dh'  iarr  Sir 
Seumas  Marchant,  K.B.E.,  LL.D.,  duine 
aig  a  bheU  ealadhain  anabarrach  air  gach 
seorsa  treathlaich  a  chrninneachadh,  air 
ministearan  sonraichte  an  searmon  sin  a  chur 
thuige  a  bu  mhaith  leo  a  liubhairt  mur  biodh 
aca  ach  aon  searmon  ri  shearmonachadh. 
Tha  na  searmoin  sin  air  an  cur  a  mach 
ann  an  leabhar,  is  phaigh  mise  seachd  is 
se  sgillinn  air,  ach  tha  aithreachas  orm  gu'n 
do  phaigh,  oir  bhithinn  fada  na  b'  fhe^rr 


dheth  na'n  d'  fhuair  mi  Almanac  Whitaker 
'n  a  aite. 

Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  nach  'eil 
na  searmoin  maith ;  tha  na  searmoin 
maith  gu  leoir  ;  tha  iad  cho  maith  ris  na 
daoine  urramach  a  sgriobh  iad.  Is  e  a  tha 
mi  ciallachadh  nach  'eil  eadar-dhealachadh 
air  bith  eadar  riu  agus  na  searmoin  eUe  a 
bhios  ministearan  a'  searmonachadh  a  h-uile 
S^baid.  An  uair  a  chunnaic  mi  an  tiotal, 
Mur  biodh  ogam  ach  aon  searmon  ri  liubhairt, 


DUBH-FHOCAIL 


shaoil  mi  gu'm  faighinn  beachd  nan  daoine 
ud  air  a'  cheist,  Ciod  e  cridhe  an  t-soisgeil, 
ach  tha  amharus  agam  a  nis  nach  do  rinn 
iad  ach  a'  cheud  shearmon  a  dh'  amais  orra 
a  shineadh  do  Shir  Seunias  Mar  chant.  Shiab 
e  am  maodhar  fo  an  sronan  ach  cha  do  ghlac 
na  h-eisg  an  dubhan.  Is  e  an  rud  a  chuir 
farran  orm  uile  gu  leir  gu'n  do  ghabh  mi 
fein  am  maodhar  no  a'  chuileag  a  shiab 
shochd  Bharabbais  thairis  orm  ;  gu  robh 
mi  oho  gorach  agus  gu'n  do  leig  mi  le  tiotal 
an  leabhair  mo  mhealladh,  a  dh'  aindeoin 
iomadh  leasan  a  fhuair  mi  o  thoisich  mi  air 
leabhraichaen  a  cheannach.  A  thaobh  an 
dara  leth  de  na  leabhraichean  a  tha  air 
an  cur  an  clo  tha  e  fior  gur  e  an  tiotal  a' 


chuid  as  fhearr  dhiubh.  Dtiisgidh  an  ciotal 
dochas  annad  ach  an  uair  a  thoisicheas  tu 
air  na  duilleagan  a  thionndadh  chan  'eil 
agad  ach  brochan  tana  is  meug. 

Chan  e  brochan  tana  no  meug  a  tha  anas 
na  searmom  so  ;  bhiodh  lad  buannachdail  is 
freagarrach  aig  am  air  bith  agus  an  kite  air 
bith,  ach  na  'm  biodh  Easbuig  Lunnainn  a' 
bruidhinn  ri  coimhthional  m6r  agus  fhios 
aige  nach  cluinneadh  iad  a  ghuth  gu  brath 
tuilleadh,  no  nach  cluinneadh  iad  teachdair- 
eachd  an  t-soisgeil  gu  br^th  tuilleadh  tha 
amharus  agam  nach  gabhadh  e  an  ceann- 
teagaisg,  Shuidh  lehobhaK  'n  a  righ  air  an 
tuil ;  seadh  suidhidh  lehobhah  'n  a  righ  gu 
siorruidh. 


Dubh-fhocail 

Leis  an  Urramach  Iain  Domhnullach,  M.A. 


0  CHIONN  ghoirid  bha  iomradh  anns  na 
duilleagan  so  air  dubh-fhocaU  a  bha  soUleir 
do  mhuinntir  Ghlascho,  ach  a  bha  dorcha 
air  an  fhear-dheasachaidh.  Faodaidh  e  bhith 
gum  bheU  feadhainn  ann  an  Eilean  nam 
Muc  a  thuigeadh  iad  a  cheart  cho  maith 
ris  an  fheadhainn  a  bhitheas  a'  dol  gu 
"  Carntyne  "  no  "  Shawlands."  Biodh  sin 
mar  a  bhios  e,  ach  thug  na  briathran  smuain 
no  dha  fa  chomhair  m'  inntinn. 

Air  an  t-Samhradh  so,  chleachd  mi  an 
t-saorsa  a  thug  luchd  an  Airm  dhomh  ann 
a  bhi  a'  gabhail  sgriob  air  feadh  na  G^idheal- 
tachd  agus  nan  Eilean.  Bha  mi  a'  dol  do 
na  h-uile  seorsa  eaglais  a  bha  anns  gach 
^ite  anns  an  robh  mi,  air  Sh^baid  is  sheach- 
duinn.  Chuir  e  ioghnadh  orm  cho  beag  de 
'n  oigridh  a  bha  a'  dol  do  'n  eaglais,  ach 
cha  b'  fhada  gus  an  do  thuig  mi  aon  aobhar 
airson  sin.  O  dh'  fh^gas  balaich  na  GMd- 
healtachd  an  sgoil  gus  am  pos  iad,  tha  iad 
a'  cur  an  cul  ris  an  eaglais,  Tha  na  cail- 
eagan  am  bitheantas  na  's  deidheUe  air  a 
bhith  a'  leantuinn  cleachdadh  am  parantan. 

Bha  mi  a'  dol  a  dh'  iasgach  agus  do  'n 
mhonadh  comhla  ris  na  h-6ganaich  so — • 
ministeir  ann  an  riochd  duine-uaisil !  Cha 
robh  iad  a  bheag  na  b'  eolaiche  ormsa  na 
bha  iad  air  duine  na  gealaich.  Bha  mi 
a'  cur  cheist  orra  an  trathsa  is  an  rithist. 
C  'arson  nach  robh  iad  a'  dol  do  'n  eaglais  ? 
Eaodadh  mi  a  r^dh  gur  e  so  am  freagradh 
a  fhuair  mi  gu  aona-sgeulach.  "Tha 
briathran  is  doigh  smuaineachaidh  an  t- 
searmonaiche  nan  dubh-fhocail  duinn — chan 
'eil'sinn  'g  an  tuigsinn."  Seadh  direach! 
Ach  rachadJi  iad  do  'n  eaglais  na  'n  tuigeadh 
iad    cainnt    an    fhir-labhairt !     Tha    moran 


de  mhinistearan  anns  a'  Gh^idhealtachd 
a  tha  a'  cur  an  cul  an  t-soisgeil  ann  an 
diadhachd  is  an  ddigh  smuaineachaidh 
Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist.  Chan  'eil 
an  oigridh  an  diugh  ag  ionnsachadh  an 
leabhair  sin  mar  a  bha  iadsan  'nan  oige,  agus 
tha  e  duilich  dhaibh  an  searmon  a'  leantuinn. 

Dh'  eisd  mi  ri  seann  mhinistear  agus 
duine  cho  foghluimte  is  a  tha  tuath  air 
Peart,  a'  deanamh  searmon  air  cuspair 
sonruichte.  Bha  moran  anns  an  eisdeachd 
nach  robh  trie  ann  an  eaglais.  Rinn  am 
ministeir  searmon  domhainn  cudthromach 
ach  thug  e  suas  ri  uair  an  uaireadair  a' 
teagasg.  Bha  mi  ann  an  suidheachan  as  am 
faicinn  aghaidhean  a'  mh6r-chuid  de  'n 
choithional  agus  mun  do  sguir  e,  a'  chuid 
nach  robh  nan  cadal  diubh,  bha  an  inn- 
tinnean  cho  fada  o  dhoigh  smuaineachaidh 
an  fhir-labhairt  is  a  bha  an  cat-mara  'o  an 
luch-fheoir !  'Na  ghabh  na  "  hardy  annuals" 
bias  a'  chnagain  dheth  ? 

'S  e  am  beachd  a  ghabh  sinn  anns  an  Arm 
gum  bheil  oigridh  na  Rioghachd  anabarrach 
aineolach  air  eadhoin  teagasgan  simplidh 
an  t-soisgeul  agus  air  cho  simplidh  soUleir 
's  a  labhras  duine  gur  e  's  fhearr,  Na 
bitheamaid  a  tha  a'  searmonach  mar  am 
bodach  as  na  h-Earadh  agus  an  soisgeul- 
aiche.  Cha  robh  am  bodach  a  dol  do  'n 
eaglais — bha  e  gun  eagal  De  is  gun  urram 
do  dhuine.  Bha  e  a  stri  ri  fearann  'n  uair 
a  thainig  an  soisgeulaiche  a  chumail  coin- 
neamh  do  'n  bhaile  anns  an  robh  e  a'  fuir- 
each.  Choinnich  e  fhein  's  am  bodach  aig 
m^s  an  fhearainn  agus  chain  am  bodach 
an  t-side.  Thubhairt  an  soisgeulaiche  nach 
dad  a  dheanamh  sin  ach  aingidheachd  an 


8         COINNEACH  MACLEOID,  NAOH  MAIREANN— AR  CORP  DIBLIDH 


t-sluaigh — -a,  tilgeil  air  an  fhear  eile  a  mhi- 
churam  mu  nithean  spioradail.  'S  e  am 
freagradh  a  fhuair  e,  "  Nach  th.  fhein  an 
duine  gun  ttir,  's  a  tha  as  do  rian  ma  tha 
thu  a'  creidsinn  sin,is  far  am  bheil  na  daoine 


dona  is  gum  bheil  iad  ag  itheadh  a  cheile, 
tha  an  talamh  a'  cur  da  bh^rr  as  a'  bhliadhna 
dheth,"  Nam  biodh  G^idhlig  aig  "Mark 
Twain'  '  is  e  'g  an  eisdeachd  an  canadh  e 
ris,   "  Diadhachd  a'  phuill  mhonaidh  ?  " 


Coinneach  MacLebid,  Nach  Maireann 


Leis  an  Urr.  Tormod  Moireasdan. 


CHAOCHAIL  COINNEACH  MAC  LEOID 
ann  an  Stedrnabhagh  air  an  13mh  1^  de 
October,  agus  bithidh  m6r  ionndrainn  air 
mar  dhuine  agus  mar  Chriosdmdh  soilleir 
agus  dileas. 

Rugadh  e  ann  am  baUe  Charishader,  an 
Uig,  an  Le6dhus,  agus  dh'  aidieh  e  an 
Tighearna  tr^th  'n  a  bheatha,  agus  thog  e 
dreuchd  na  b-eildearachd  'n  a  dhuine  og, 
ann  an  eaglais  BhaUe  na  Cille,  an  Uig,  far  an 
do  shaothraich  e  fad  bhliadhnachan  'n  a 
mhissonaraidh .  Shaothraich  e  mar  an 
ceudna  ailn  an  cearnaidhean  eile  de  'n 
eilean,  agus  anns  an  eilean  Sgitheanach. 

Bha  e  ro  mheasail  aig  an  t-sluagh  anns 
gach  ^te  anns  na  shaothraich  e,  ach  b'  eigin 
dha  toirt  suas  a  thaobh  dith  sl^inte — -ni  a 
th^inig  air  ann  an  lorg  a'  Chogaidh  Mhoir. 


Tha  muinntir  na  sgire  uUe  duilich  'g  a 
ionndrainn,  ach  gu  s5nraichte  a  bhanntrach 
agus  a  theaghlach,  agus  m6ran  ch^irdean 
leis  an  robh  e  ro-ionmhuinn. 

Latha  an  adhlacaidh,  chruinnich  m6ran 
sluaigh  as  gach  cearnaidh  de  'n  eilean  a  chum 
an  speis  a  nochdadh  do  dh-aon  air  an  robh 
iad  cho  gr^dhach.  Bha  ceathrar  mhinis- 
tearan  an  l^thair,  agus  ^ireamh  mhor 
sluaigh.  Bithidh  cuimhne  air  Coinneach 
Mac  Ledid  mar  fhior  charaid  agus  mar 
sbeirbhiseach  dileas  ann  am  fion-lios  Chriosd. 

Bha  a  chrioch  air  a  dheanamh  aithnichte 
dha,  agus  dh'  innis  e  do  oheile  gu  robh  e  dol 
a  dh'  fhalbh  air  latha  na  S^baid,  13mh  de 
October — ^an  ni  a  thachair, 

Bha  a'  chrioch  gu  sitheil  sona.  ladsan  a 
choidll  ann  an  Criosd,  bheir  Dia  maille  ris. 


Ar  Corp  Diblidh 


CHA  dean  e  mtghadh  m6r  co  dhiu  a  their 
sinn  ris  ar  corp  diblidh  no  corp  ar  n-irioslach- 
aidh,  mar  tha  e  air  eadar-theangachadh 
anns  a'  BhiobuU  Gh^idhlig  mu  dheireadh, 
tha  an  corp  'n  a  6iie  thruim  dhuinn  uile, 
agus  do  chuid  tha  e  'n  a  chrois  uile  laithean 
am  beatha,  Anns  an  linn  so  gu  sonraichte 
tha  an  corp  a'  faotainn  aire  agus  curam  nach 
d'  fhuair  e  riamh  roimhe,  ach  mar  is  mo  a 
tha  e  a'  faotainn  is  ann  is  m5  a  tha  e  ag 
iarraidh,  gus  mu  dheireadh  a  bheil  e  an 
impis  ar  toil  agus  ar  spiorad  a  riaghladh 
gu  buileach.  Ach  bu  bhochd  an  rud  na'n 
tachradh  sin.  An  uair  a  cheangail  Dia  an 
spiorad  agus  an  fhe5il  ri  cheile  ann  an  n^dur 
Eohic  an  duine  bha  e  a'  ciallachadh  gu'm 
biodh  an  spiorad  'n  a  mhaighstir  agus  an 
corp  'n  a  sbeirbhiseach  ;  gu'm  biodi  tigh- 
darras  aig  an  spiorad  thairis  air  an  fheoil, 
ach  an  diugh  tha  an  spiorad,  bitheanta  gu 
leoir,  'n  a  thraill  do  'n  chorp. 

An  uair  a  thoisicheas  daoine  air  ro-churam 
a  ghabhaU  d'  an  cuirp  agus  air  smuaineach- 
adh  air  na  cunnartan  a  tha  mu'n  cuairt 
orra  anns  an  t-saoghal  so,  cha'n  'eil  ceann 
no  crioch  aig  an  amaideas  aig  am  faod  iad 
sgur.  Aft  Mte  smuaineaohadh  air  na  nithean 
a  tha  urramach  is  ceart  is  f ior^hlan,  mar  tha 


an  t-abstol  ag  iarraidh  oirnn  a  dheanamh, 
tha  moran  dhaoine  anns  an  t-saoghal  an 
diugh  nach  'eil  a'  smuaineachadh  air  dad 
eile  o  dh'  fhosglas  iad  an  stiUean  anns  a' 
mhaduinn  gus  an  dtiin  iad  an  suilean  anns 
an  oidhche  ach  air  germs,  na  germs  a  dh' 
fhaodas  am  posta  fh^gail  air  na  litrichean 
aca  le  chorragan,  na  germs  a  dh'  fhaodas 
buidsearan  is  fuineadairean  ~  is  p^isdean  is 
cuUeagan  a  chur  anns  a'  bhiadh  aca.  Air 
neo  tha  iad  usaideach  mu'n  bhiadb  fein  ;  cia 
meud  tr^th  is  coir  dhaibh  a  ghabhail,  no  co 
dhiu  is  fhekrr  dhaibh  tighinn  beo  air  cnothan 
no  air  iasg  ;  no  ciod  an  tomhas  ceart  de  uisge 
teth  a  dh'  olas  iad  an  ^m  dol  a  laighe,  no 
ciod  an  doigh  anns  an  fhearr  dhaibh  am 
biadh  a  chagnadh  m'  an  leig  iad  sios  e. 

An  uair  a  thoisicheas  an  ro-chtiram  sin  air 
aite  fhaotainn  ann  an  smuaintean  dhaoine 
tha  an  t-am  aca  an  corp  diblidh  a  cheannsach- 
adh,  agus  a  cheannsaohadh  anns  an  aon 
doigh  anns  an  gabh  sin  deanamh,  gun  smuain 
no  aire  a  thoirt  da  idir.  "  Air  an  aobhar  sin, 
tha  mi  ag  radh  ruibh,"  arsa  Criosd,  "  Na 
bitheadh  ro-churam  oirbh  mu  'ur  heatha, 
ciod  a  dh'  itheas  no  a  dh'  dlas  sibh]  no  mu 
'ur  corp,  ciod  a  chuireas  sibh  umaibh.  Nach 
md  a'  bheatha  ria  am  bia4h]  agus  nn  cmp-na 
an  f-fwdoch."  .... 


Aireamh  3 


1947 


Tobraichean  Naomha 

Leis  an  Urr.  Iain  MacAoidh,  Glaschu. 


ANNS  gach  cearnaidh  de'n  t-saoghal  tha 
ionadan  4raidh  a  tha  air  am  meas  mar 
ionadan  naomha  ;  mar  a  tha  beanntan  is 
aibhnichean  is  uamhan  is  tobraichean,  co- 
cheangailte  ris  a  bheil  eachdraidh  no  beul- 
aithris  air  chor-eigin  tre  am  bheil  iad  air 
an  sonrachadh  a  mach  mar  chuspairean 
naomha  o  linn  gu  linn.  Anns  na  tirean 
GMdhealach  agus  CeHteach  tha  moran  aca 
sin  air  an  cuimhneachadh  gus  an  la  an 
diugh. 

Is  ann  mu  nia  tobraichean  naomha  a  bu 
mhath  leam  rud-eigin  a  sgriobhadh  aig 
an  am.  Tha  cunntas  againn  a  leithid  sin 
de  thobraichean  anns  an  Sgriobtur — tobar 
lacoib  is  tobar  Bhetleheim  is  lochan  Bhet- 
esda  ;  agus  mar  an  ceudna  ann  an  crabhadh 
an  t-seann  saoghail,  am  measg  nan  Qreugach 
agus  nan  Romanach. 

Is  e  an  ni  araidh  air  son  an  robh  na 
tobraichean  sin  ainmeil  a'  chumhachd  leighis 
a  bha  anns  na  h-uisgeachan  aca.  Tha  tobair 
mhor  ann  an  Hiort  ris  an  canar  "  Tobair 
nam  Buadh."  Tha  e  air  a  radh,  ma  dh'olas 
tu  aisde  anns  a'  mhadainn,  gum  bi  thu  slan 
air  son  la  tha  is  bhadhna.  Chunnaic  mi  i 
agus  dh'61  mi  aisde — anns  a'  mhadainn 
cuideachd — agus  feumaidh  mi  aideachadh 
nach  t^inig  euslaint  air  bith  orm  air  son  na 
h-uine  a  ghealladh. 

Bha  na  tobraichean  gu  trie  air  an  ain- 
meaehadh  air  aon  de  na  Naoimli,  mar  a  tha 
seann  te  ann  an  Srath-Fhaolainn,  anns  am 
bithist  a'  tomadh  muinntir  a  bha  air  mhi- 
cheill,  an  deidh  do'n  c^irdean  car  "  deiseil  " 
a  chur  mun  cuairt  oirre,  a  chum  gum  faigh- 
eadh  iadsan  a  bha  bochd  an  sl^tnte  air  ais. 
Agus  tha  tobraichean  eile  ann  an  sgir  na 
h-Apainn  aig  a  bheil  na  buadhan  ceudna, 
a  reir  beul-aithris  an  t-sluaigh. 

Tha  fios  aig  moran  de'n  luchd-dtithcha 
gu  bheil  tobair  aig  Cdil-fhodair  a  dh'ionn- 
saigh  am  bi  daoine  ag  cruinneachadh  aig 
fior  thoiseach  an  t-samhraidh  air  son  gum 
faigh  iad  slainte.  Air  a'  cheud  Sh4baid 
de'n  Cheitein  bha  e  'na  chleachdadh  aig 
aireamh  mhor  sluaigh  dol  a  mach  thuice 
agus  61  de'n  uisge,  ag  iarraidh  aig  a'  cheart 
am   gvim    biodh    ^rd-riin   an    cridhe    air   a 


choimhlionadh  dhaibh  a'  bhliadhna  sin. 
Bha  e  eadhon  air  a  rkdh.  gu  robh  an  t-uisge 
innte  a'  dol  'na  fhiona  air  son  iiine  ghoirid 
aig  meadhon  oidhche  air  a'  cheud  latha  de'n 
t-samhradh.  Tha  seann  daoine  ag  cumail 
a  mach  gu  bheil  uisge  na  tobrach  so  da- 
rireadh  eifeachdach  a  chum  leigheis  ;  tha 
e  coltach  gum  biodh  iadsan  a  bha  tighinn 
thun  na  tobrach  a'  leigeil  sios  innte  bonn 
airgid  nuair  a  bhiodh  iad  ag  iarraidh  an 
guidhe,  agus  gu  robh  iomadh  c^raid  6g 
aig  an  robh  suil  ri  posadh  a'  tighinn  bliadhna 
an  deidh  bliadhna. 

Tha  tobair  eile  aig  Loch  Ma  Ruibhe  mu'm 
bheil  beul-aithris.  Tha  i  air  a  h-ainmeach- 
adh  air  an  Naomh  Maol  Rubha,  agus  tha 
an  eifeachd  cheudna  anns  an  uisge,  a  chum 
slainte  aiseag  do  dhaoine  lag  agus  breoite 
a  bhithist  a'  tomadh  innte  air  son  iomadh 
latha  gus  am  faigheadh  iad  leigheas  fa 
dJieoidh.  Bha  e  air  a  ghabhail  mar  chomh- 
arra  math  nam  biodh  an  tobair  Ian,  ach, 
ge  b'e  air  bith  de  mar  a  bhitheadh  i,  bha 
ereideas  mor  ann  am  buaidh  an  uisge. 

Tha  tobair  ainmeil  shios  anns  a'  Chorn 
( Cornwall) — ann  am  fior  cheann  an  iar-dheas 
Shasainn — tobair  an  Naoimh  "  Keyne." 
Bha  sluagh  na  roinne  so  de  Shasann  ann  an 
dltith  ch^irdeas  do  na  G^idheil.  Tha  e  air 
aithris,  nuair  a  ph6sas  dithis,  gur  ann  aig 
a'  cheud  neach  aca  a  dh'61as  de  dh 'uisge 
na  tobrach  so  an  d^idh  posadh  a  bhitheas 
uachdranachd  an  tighe  gu  br^th  tuilleadh, 
agus  tha  sgeul  air  innseadh  mu  dhithis 
de'n  t-seorsa  so.  Cho  luath  agus  a  phos  iad, 
dh'fh^g  an  duine  a  bhean  aig  dorus  na  h- 
eaglaise  agus  ruith  e  'na  dheann  gus  an 
tobair,  ach  cha  robh  e  sgiobalta  gu  leoir 
air  son  na  mnatha.  'S  esan  a  thug  turus 
diomhain,  oir  bha  bean  na  baumse  air  botul 
de  dh'uisge  na  tobrach  a  thoirt  leatha  do'n 
eaglais — agus  mar  sin  rinn  i  a'  chtiis  air! 

Tha  e  air  a  radh  nach  'eil  e  gUc  rud  sam 
bith  a  tha  fagus  do  na  tobraichean  so  a 
thoirt  air  falbh.  Bha  tuathanach  ann  a 
tharraing  mias  chloiche  air  falbh  bho  aon 
tobair  anns  an  diithaich  a  dh'ainmich  mi, 
agus,  a  reir  na  h-aithris,  thuit  an  dk  dhamJi 
leis  an  do  tharraing  e  i,  agus  chaidh-e  fhein 


AN  T-TTRRAMAOH  RAIBEART  CIORC,  AM, 


fhagail  bacach  agus  gun  chainnt.  Thill  a' 
mhias  air  a  h-ais,  tha  an  sgeul  ag  innseadh, 
car  mu  char,  gus  an  do  stad  i  anns  an  dearbh 
kite  as  an  tugadh  i. . 

Tha  d^  thobair  aig  Cill-Fhinn  an  Siorram- 
achd  Pheairt  —  Creideag  Bheag  agus 
Creideag  Mh6r  —  anns  an  robh  eifeachd 
mar  so,  agus  fagus  orra  tha  tobair  eUe  anns 
am  bithist  a'  tomadh  na  cloinne  air  latha 
Bealltainn,  a  chum  's  gum  biodh  iad  sl4n, 
fallain  air  son  bhadhna. 

Ann  an  Giogha  tha  Tobair  Da-Bheathag. 
Nan  tugaist  clach  air  falbh  aisde  dh'eireadh 
uspag  l&,idir  de  ghaoth  an  ear.  Bha  so  ro- 
dheiseil  de  na  h-eUeanaich  nuair  a  bhiodh 


iad  a'  deanamh  an  uisge-bheatha  anns  na 
seann  l^ithean  agus  a  bhiodh  iad  air  son  na 
g^idsearan  a  chumail  o  thir.  Tha  e  air 
innseadh  gu  robh  duine  anns  an  eUean  a 
chaidh  thun  na  tobrach  air  son  clach  a 
thoirt  leis,  a  chum  agus  gun  glacaldh  droch 
aimsir  sgiobair  ^raidh  nach  bu  chaomh 
leis  ;  ach  nuair  a  chuimhnich  e  gu  robh 
caraid  dha  fhein  air  b^ta  eile  am  fagus  thill 
e  dhachaidh  gun  a'  chlach  a  charachadh. 

Sin,  mat^,  p^irt  de'n  bheul-aithris  mu 
thimchioll  nan  tobraichean  naomha,  agus 
tha  sinn  ag  creidsinn  gu  bheil  eachdraidh 
fhein  an  cois  gach  fuarain  as  aithne  dhuinn, 
nam  biodh  fhios  againn  air. 


An  t-Urramach  Raibeart  Ciorc^  A.M. 

Leis  an  Urr.  Calum  MacLedid,  Nach  maireann. 


TUIGIDH  sibh  an  gn^  dhuine  a  bha  ann  an 
uair  a  dh'innseas  mi  dhuibh  gur  h-e  a 
bha  'na  mheadhon  air  am  BiobuU  a  chur 
an  toiseach  an  l^imh  nan  Gaidheal  'nan 
cS-nain  fhein ;  agus  gur  h-e  cuideachd  a 
chuir  a  mach  na  Sailm  uile  am  meadarachd 
dain  an  Gaidhlig  gu  bhith  'gan  seinn.  'S 
e  bh'ann  duine  air  leth  foghluimte  agus 
Criosdail. 

Rugadh,  ma  th^,  Rob  Ciorc  o  chionn  corr 
is  tri  cheud  bliadhna,  anns  a'  bhliadhna 
1644,  ann  an  Obar-Phuill  far  an  robh  a 
athair  'na  mhinistear.  Thog  e  ^rd-fh5ghlum 
an  toiseach  ann  an  Oilthigh  Dhtm-^ideann, 
agus  as  an  sin  chaidh  e  do  Oilthigh  Chille- 
rimhinn,  far  an  tug  e  mach  foghlum  na 
ministrealachd. 

Cha  bu  luaithe  a  fhuair  e  cead  searmonach- 
aidh  na  bha  e  air  a  shuidheachadh  ann  an 
sgire  Bhoth-chuidir,  agus  gun  e  air  an 
fhichead  bliadhna  a  dhtmadh.  Bha  so  anns 
a'  bhliadhna  1664.  Shaothraich  e  gu  dileas 
an  so  corr  is  fichead  bhadhna  ;  ach,  an  uair 
a  chaochail  athair,  fhuair  e  gairm  do  Obar- 
PhuUl  anns  a'  bhliadhna  1685.  Bha  e  an 
sin  'na  mhinistear  seachd  bliadhna  gus  an 
do  chaochail  e  sa'  bhHadhna  1692,  agus  gun 
e  ach  d^  fhichead  bliadhna  's  a  seachd  a 
dh'aois. 

Bha  Rob  Ciorc  'na  sgoilear  barraichte, 
agus  gu  h-^raidh  'na  sgoilear  mor  G^idhhg  ; 
agus  bha  e  cho  ealanta  anns  na  seann 
ch^nainean  eile,  mar  tha  Laidionn  is  Greu- 
gais,  's  gun  deanadh  e  b^rdachd  annta. 
Ach  is  ann  air  son  a  ghaoil  air  a'  Gh^idhlig 
agus  air  son  a  shaothrach  a  chum  agus  gum 
biodh  na  Sgriobturan  aig  na  GkidheU  'nan 
c^nain  fhein,  a  bu  ch6ir  cuimhne  a  chumail 
air  ainm  Roib  Chiorc. 


Ach,  an  deidh  sin,  is  ann  am  measg  luchd 
na  Beurla  as  motha  gu  m6r  a  gheibhear 
cuimhne  air  ainm  Roib  Chiorc  na  am  measg 
nan  Gaidheal,  ged  is  m6r  na  rinn  e  as  an 
leth. 

Is  e  as  aobhar  dha  sin  gun  do  dh'fh^g  e 
leabhar  beag  sgriobhainn  'na  dheidh  ann  am 
Beurla,  leabhar  mu  dheidhinn  sidhichean 
is  fiosachd  is  faidheadaireachd  is  da-fhradh- 
arc  agus  cuspairean  diomhair  de'n  t-seorsa 
sin — leabhar  air  a  bheU  an  t-ainm  "  The 
Secret  Commonwealth  of  Elves,  Fauns,  and 
Fairies,"  's  e  sin,  "  Coimhfhlaitheachd 
Diomhair  Th^charan,  Shiochairean  agus 
Shidhichean."  Ged  nach  deach  an  leabhar 
so  a  chur  an  clo  gus  an  do  chuir  Sir  Walter 
Scotaeh,  an  sgriobhaiche  ainmeU,  a  mach 
e  anns  a'  bhliadhna  1812 — corr  maith  is 
ceud  bliadhna  an  deidh  bas  Chiorc — ^tha  an 
leabhar  air  a  mheas  mar  an  t-saothair  as 
tuigsiche  agus  as  fiosraiche  agus  as  tigh- 
darrail  air  na  nithean  domhain  agus  diomhair 
so  a  chaidh  riamh  a  sgriobhadh.  Tha  sin 
a'  fagail  ainm  Roib  Chiorc  aithnichte  am 
measg  luchd  Beurla  a  tha  fdghluimte  ann  an 
seann  bheul-aithris  agus  seann  oideas 
dhaoine. 

Ach  is  ann  air  son  a  shaothrach  as  leth  na 
G&,idhhge  agus  a  chum  leas  spioradail  nan 
Gaidheal  as  coir  do  na  GMdheil  cuimhne 
is  iomradh  maith  a  chumail  air  an  duine 
dhiadhaidh  so. 

Nuair  a  chaidh  a  shuidheachadh  am  Both- 
chuidir,  cha  robh  aon  mhlr  de'n  Bhiobull 
aig  na  G^idheO  'nan  Gaidhlig  fh^in,  agus 
chuir  Rob  Ciorc  roimhe  gun  leasaicheadh  e  so. 
Rud  eile  :  cha  robh  gin  de  na  SaUm  aea  a 
sheinneadh  iad  an  G^idhhg,  agus  cha  ruig 
mise  leas  itinse  a'  bhochdainn  a  bha  sin  air 


AN  T-URRAMACH  RAIBEART  CIORC,  A.M. 


sluagh  sain  bith.  Ach  aims  a'  bhliadhna 
1659  chuir  Seanadh  EarraghaidJieal  a  mach 
a'  cheud  leth-cheud  de  na  Sailm  an  G^idhlig 
ann  am  meadarachd  d^in  chum  an  seinn^ 
"An  Caogad,"  mar  a  theirte  ris  an  leabhar 
nrramach  so. 

Chuir  Ciorc,  ma  thk,  roimhe  gun  cuireadh 
e  fhein  an  ceud  eile  de  na  Sailm  an  cruth 
b^rdachd  Ghiidhhg,  agus  gun  cuireadh  e  an 
clo  an  leabhar  Shalm  gu  leir — "  An  Caogad  " 
mar  a  bha  e,  agus  an  ceud  eile  a  chuir  e 
fhein  am  meadarachd  G^idhlig  comhla 
riutha — agus  fhuair  e  tighdarras  bho'n 
Riaghaltas  so  a  dheanamh,  agus  cumha 
nach  fhaodadh  duine  sam  bith  eile  Leabhar 
nan  Salm  a  chur  an  clo  re  aona  bhhadhna 
deug. 

Bha  a  leithid  a  dh'iarraidh  -aig  Ciorc  air 
na  Sailm  Gh^idhhg  fhaicinn  aig  na  GMdheil 
agus  gu  robh  e  air  aithris  gu  robh  e  ag 
caithris  na  h-oidhche  ag  cur  nan  Salm  an 
G^idhlig.  Chuir  e,  ma  th^,  a  mach  an  leabhar 
anns  a'  bhliadhna  1784.  B'e  so  a'  cheud 
leabhar  Shalm  a  bha  riamh  aigna  G^idheil 
'nan  c^nain  fhein,  agus  fad  aona  bhliadhna 
deug  cha  robh  fear  eile  aca  ach  e. 

Aim  am  facal  ris  an  leughadair  an  toiseach 
an  leabhair  tha  Ciorc  coir  ag  radh  so  : 

"  Ataid  na  Psalma  taitneamhach,  tarbh- 
ach :  beag  nach  mion-fhlaitheas  Ian 
d'ainglibh  Cill  fhonmnhar  le  ce61  naomhtha. 
Mar  abholghort  Eden,  lionta  de  luibh- 
ennibh  ioc-shldinteamhail,  amhluidh  an 
leabhar  Psalm-so  Dhaibhioth,  ata  'na 
Haghais  air  uile  anshocair  na  n-anma." 
Is  ann  dha  a  b'fhior! 

A  nis,  cha  robh  am  BiobuU  an  Gaidhlig 
aig  na  G^idheil  fhathast,  ach  an  ath  bhliadh- 
na an  d^idh  do  Chiorc  an  leabhar  Shalm 
a  chur  a  mach — anns  a'  bhhadhna  1685 — • 
bha  ministear  diadhaidh  ann  an  Eirinn,  an 
t-Easbuig  Uilleam  Beddell,  agus  bha  e  'na 
mheadhon  air  am  Biobull  gu  leir  a  chur  a 
mach  an  Gaidhlig  na  h-Eireann.  Bha  an 
Tiomnadh  Nuadh  air  a  chur  a  mach  an 
Gaidhlig  na  h-Eireann  anns  a'  bhliadhna 
1603  le  easbuig  diadhaidh  eile,  Uilleam  0' 
Ddmhnaill,  agus  chuir  an  t-Easbuig  Beddell 
a  nis  a  mach  am  Biobull  gu  h-iomlan — an 
Seann  Tiomnadh  agus  Tiomnadh  Nuadh  0' 
Dhomhnaill — ^anns  a'  bhliadhna  1685.  Chuir 
Beddell,  an  duine  beannaichte  so,  da  cheud 
de  na  Biobuill  Gh^idhlig  so  a  nail  do  Albainn 
chum  leas  G^idheil  Albann.  Ach  is  ann  anns 
a'  chorra-litir — no  litir  bhiorach  chorrach 
na  hTEireann — a  bha  na  Biobuill  so  air  an 
cl6-bhualadh,  agus  mar  sin  cha  robh  e  coma- 
sach  do  na  GMdheil  agaitme  an  leughadh,, 
ach  do  ghl^  bheag.  Ni  sam  bith  a  bha  an 
old  ann  an  G&idhUg  na  h- Albann  is  ann  san 


litir  mhin  R6manaich  a  bha  e,  agus  mar  sin 
cha  robh  na  G^idheU  againne  cleachdte 
air  leughadh  na  corra-litir,  ged  a  bhiodh 
cuid  aig  an  robh  beagan  ionnsachaidh  'na 
srgiobhadh. 

Ach  is  e  a  rinn  Rob  Ciorc  a  rithist,  chuir 
e  roimhe  gun  cuireadh  e  a  mach  Biobull 
Bheddell  anns  an  Utir  Romanaich  air  an 
robh  na  G^idheil  eolach,  agus  le  beagan 
atharrachaidh  eile  sa'  Ghiidhlig  a  bhiodh 
feumail.  Thug  e  14n  bhliadhna  ris  an  obair 
so  gun  sgur,  agus  mu  dheireadh  chuir  e  mach 
am  Biobull  sa'  bhliadhna  1690. 

Is  fhiach  a'  bhliadhna  sin  cuimhne  a 
chumail  oirre  (1690),  o'n  is  e  so  a'  cheud 
uair  a  bha  am  Biobull  aig  na  G^idheil  'nan 
c4nain  fhein  ;  agus  so  an  cruth  anns  an  robh 
an  Tiomnadh  Nuadh  aig  na  Gaidheil  suas 
ri  ceithir  fichead  bliadhna,  agus  an  Seann 
Tiomnadh  fad  corr  is  ceud  bliadhna  an 
Gaidhlig.  Agus  is  e  am  Biobull  so,  Biobull 
Chiorc,  bonnchar  is  steidh  Gaidhlig  a' 
Bhiobuill  mar  a  tha  e  againn  an  diugh. 

A  leigeil  fhaicinn  dhuibh  cho  beag  athar- 
rachaidh 's  a  tha  air  cainnt  an  Tiomnaidh 
Nuaidh  an  diugh  agus  mar  a  chuir  Ciorc  i, 
so  dhuibh  cosamhlachd  na  caorach  caiUte 
mar  a  tha  i  ann  an  Soisgeul  Lticais  (caib.  v)  : 

"  Cia  agaibhsi  duine  aga  bhfuil  cead 
caora,  agus  do  leigfeadh  aon  diobh  a 
mugha,  nach  bhf^gann  na  naoi  caoraich 
deug  agus  ceithre  fichead  ar  an  bhfasach 
agus  nach  dteid  an  diaigh  na  caorach  ud 
do  chuaidh  a  mugha,  no  go  bhfaghann  se 
i  ?  Agus  ar  na  faghail  do,  cuiridh  se  gu 
luathghaireach  i  ar  aghuaillibh.  Agus  ag 
dteachd  do  thigh  dh6,  goiridh  se  a  ch^irde 
agus  a  choimhairsain  a  gceahn  a  ch^ile, 
ag  r^dh  riu  :  deanuidh  luathghaire  leamsa; 
oir  fuair  mi  mo  chaora  do  chuaidh  a  mugha. 
A  deirim  ribh,  gur  ab  mar  sin  bhias 
forbhailte  ar  neamh  ar  son  ein  pheacthach 
do  ni  aithrighe  ni  is  m6  na  ar  son  naoi 
bhfirein  deg  agus  ceithre  fichead  ar  nach 
bhfhil  riachdanas   aithrighe." 

Is  e  mar  sin  Gaidhlig  0'  Dhomhnaill  is  Roib 
Chiorc  bonnchar  is  steidh  Gaidhlig  a'  Bhio- 
buill mar  a  tha  i  againn  an  diugh. 

Is  finn  an  Lunnaninn  a  chaidh  Biobull 
Chiorc  (mar  a  theirear)  a  chlo-bhualadh, 
agus  chuir  e  fh^in  geamhradh  na  bliadhna 
1689  seachad  an  Lunnainn  ag  ceartachadh 
a'  chlo  agus  a'  tional  airgid  gu  seasamh 
ri  cosdais  an  leabhar  a  chld-bhualadh. 
Dh'fh^g  e  leabhar-sgriobhainn  as  a  dheidh 
mu  a  thurus  an  Lunnainn,  leabhar  a  tha 
an  dr^sda  an  gleidhteanas  ann  an  Oilthigh 
Dhtin-eideann.  Tha  e  ag  innse  san  leabhar 
so  mu  dheidhinn  Lunnainn  aig  an  dm  ud, 


RIAGHLADH  A'  BHUIRD 


mu  dheidhinn  nan  daoine  mora  a  chunnaic 
e  agus  ris  an  robh  e  a'  bruidhinn,  na  togal- 
aichean  a  bha  ainmeil,  agus  na  searmon- 
aichean  a  chuala  e.  Bhiodh  e  dol  a  dh'eisd- 
eachd  tri  tiu-uis  a  h-uile  Sabaid.  Tha  sin, 
agus  ceud  rud  eile,  san  chnap  maith  leabhair 
so.  Cha  deach  riamh  a  chlo-bhualadh ; 
tha  e  an  sud  ann  an  sgriobhadh  reidh, 
soilleir,  mar  a  dh'fhag  l^mh  Chiorc  choir  e. 

Cha  robh,  ma  th^,  duine  'na  linn,  no  a' 
bheag  bho  an  latha  sin,  a  rinn  barrachd  air 
son  leas  is  maith  spioradail  nan  G^idheal 
agus  air  son  a  h-^ite  fhein  a  thoirt  do'n 
Ghaidhlig  an  litreachas  nan  G^idheal,  na 
rinn  an  duine  foghluimte  agus  diadhaidh 
sin,  Rob  Ciorc. 

Tha  an  clag  a  bha  san  eaglais  aige  am 
Both-chuidir  an  l^thair  fhathast.  Th^inig 
sgaineadh  innte,  agus  mar  sin  tha  uinQ 
rahor  bho  nach  robh  i  an  cleachdadh,  ach 


tha  i  air  a  gleidheadh  gu  ctiramach  anns  an 
eaglais.  Is  e  fhein  a  thug  m'an  airidh  a 
deanamh,  agus  tha  an  t-ainm  aige  gearrte 
innte,  agus  a'  bhliadhna  a  rinneadh  i — 1684 
— a'  bhliadhna  a  chuir  e  mach  leabhar  nan 
Salm.  Tha  am  facal-suaicheantais  a  bhiodh 
e  ag  cleachdadh  sgriobhte  sa'  chlag  cuideachd, 
's  e  sin  "  Love  and  Live  " — "  Gradhaich 
agus  Bi  Beo."  Sin  mar  a  chaith  an  duine 
beannaichte  so  a  bheatha  air  sg4th  nan 
Gaidheal. 

Sin  agaibh,  ma  tha,  eachdraidh  beatha 
agus  saothair  an  Urramaich  Raibeart 
Chiorc  ;  agus  cha  bu  mhath  gun  di-chuimh- 
nicheadh  na  Gaidheil  an  t- saothair  ionmholta 
a  rinn  e  as  an  leth.  Agus  faodaidh  mi  sgur 
leis  an  fhacal  a  sgribbh  e  fhein  do'n  leugh- 
adair  aig  toiseach  leabhar  nan  Salm  :  "A 
leughadair,"  ars  esan,  "  Sith  agus  Sl^inte 
dhuit." 


Riaghladh  a'  Bhiiird 

Ciod  a  dh'iocas  mi  do  Dhia  air  son  uih  thiodhlacan  dhomh  ? 
Glacaidh  mi  cupan  na  slainte." — Salm  cxvi.  1,213. 


"  CIONNAS  a  ph^idheas  mise  an  Tigh- 
earna,"  deir  an  Salmaidh,  "air  son  na  rinn 
e  dhomh  de  mhaith  ?  "  Mhaith  e  dhomh 
mo  chionta  is  m'easontas,  agus  dh'ionnlaid 
e  mi  bho  mo  thruaillidheachdan  uile.  Rinn 
e  r^idh  ris  fh^in  sinn  tre  bh4s  an  t-S14naigh- 
eir.  Dhtiisg  e  gr^dh  bed  agus  spioradail 
'nar  n-anama ;  agus  sgeadaich  e  sinn  le 
trusgan  na  f  ireantachd  ;  agus  bheathaich 
e  sinn  le  Ion  neamhaidh  agus  siorraidh. 
Thug  e  dhuinn  ^ite-t^imh  agus  dtithaich 
thorach,  agus  tigh  is  dachaidh  maille  ris 
fein.  "  Cionnas,"  ars  an  Salmaidh,  "  a 
ph^idheas  mi  e  air  son  na  rinn  e  dhomh 
de  mhaith  ?  " 

Tha  gach  ni  aige  a  cheana.  Tha  e  Ian 
agus  coimhlionta  ann  fhein,  beannaichte  gu 
siorraidh.  Chan  'eilfeum  aige  air  ni.  Ciod 
a  dh'iocas  mi  do  Dhia  air  son  uile  thiodh- 
lacan dhomh  ?  "  Ah,"  ars  an  Salmaidh, 
"  tha  fhios  agam  a  nise  mar  a  ph^idheas  mi 
Dia.  Theid  mi  dh'iarraidh  tuUleadh  air." 
'S  e  doigh  iongantach,  a  ch^irdean  gr^dhach 
a  tha  so  air  paidheadh.  Cha  chualas  cean- 
naiche  riamh  a  bhiodh  riaraichte  agus 
p^idhte  ma  bhios  sinn  ag  iarraidh  's  ag 
gabhail  bhuaithe  daonnan,  saor  agus  an 
asgaidh.  "  Thigibh  is  ceanniachibh  gun 
airgiod  agus  gun  luach  fion  agus  bainne." 
"  Glacaidh  mi  cupan  na  slainte."  Tha 
sl^inte  sa'  chupan  so,  b^s  an  t-Sl^naigheir,  a 
tha  sinn  ag  glacadh  agus  ag  61.  Tha  an 
t-Athair  riaraichte  is  p^idhte  le  bhith  faicinn 


na  cloinne  slan  fallain  agus  ceart,  a'  deanamh 
feum  de'n  bhiadh  a  dheasaich  e  's  de'n 
trusgan  a  dh'ullaich  e  dhaibh.  Le  bhith 
'gam  faicinn  naomh  agus  toiHchte,  daonnan 
an  crochadh  air  fhein  air  son  am  feuman 
uile  ;  ag  glacadh  a'  chupain  a  tha  \kn  de 
fheartan  beannaichte  agus  cumhachdach. 

Agus  tha  obair  an  cois  na  slainte  agus 
an  eireachdais  so.  Gairmidh  sinn  air  ainm 
an  Tighearna.  Ni  sinn  aoradh  dha  agus 
togaidh  sinn  fianuis  air  a  thaobh  ;  ni  sinn 
saothair  'na  fhion-Iios.  So,  a  charaid,  an 
ni  a  ph^idheas  Dia. 

Tha  sith  agus  sdlas  sa'  chupan  cuideachd — 
sith  na  cloinne  's  a'  ghr^idh  bhr^ithreil. 
Agus  tha  an  t-Athair  a'  deanamh  aoibhneas 
annainne.  Tha  uaill  air  air  son  na  cloinne. 
Tha  e  p^idhte  leis  an  so.  Agus  tha  a  h-uile 
ni  a  th'ann  a'  dtisgadh  grMh  bl^th  agus 
beannaichte  'nar  n-anam  dh^-san  a  rinn  so 
tre  chupan  iongantach  a  bh^is.  Thigeamaid, 
mat^,  agus  glacamaid  am  barrachd  agus 
am  barrachd  deth  fhein  's  de  ghr^dh.  Dean- 
amaid  so  cia  minic  's  a  dh'olas  sinn  e  mar 
chuimhneachan  air  Fear-ar-gr4idh,  agus 
p^idheamaid  e  air  son  uile  thiodhlacan 
dhuinn. 

"  Cha  treig  mi  thu  chaoidh,  a  riiin, 
Ach  gr^dh  as  tir  a'  sir-fh^s, 
Mar  mheanghanaibh  maoth  nan 

craobh, 
Le  teas  ghr^dh  nach  traoigh  gu  bratli." 


Staid  nan  naomh 


A  THAOBH  staid  nan  naomh  tha  Leabhar 
Aidmheil  a'  CJireidimh  a'  teagasg  gu  bheil 
anmanna  nan  creidmheach,  aig  uair  am  bais, 
air  an  deanamh  foirfe,  agus  a'  dol  a  steach  do 
ghloir,  ged  chaidleas  an  corp  anns  an  uaigh  gu 
la  na  h-aiseirigh.  An  uair  a  bhios  seanchas 
reidh  samhach  agam  ri  daoine  mu  nithean 
soluimte  na  beatha  so  agus  mu  staid  nam 
marbh,  mar  a  bhitheas  air  uairean,  agus  gu 
sonraichte  ri  seann  daoine,  chan  'eil  ceist 
eile  as  bitheanta  a  chaidh  a  chur  orm  na 
cheist  so,  An  tachair  sinn  a  ris  ri  ar  luchd- 
gaoil  ann  an  neamh  ? 

Do  dhaoine  aig  a  bheil  gaol  air  a  cheile  is  e 
gath  a'  bhais  gu  bheil  e  a'  deanamh  sgaraidh 
eat orra,  agus  b'e  an  sgeul  a  b'fheirr  leo  a 
chluinntinji  gu'n  coinnich  iad  ann  an  neamh 
agus  nach  bi  dealachadh  ann  na's  mo.  Tha 
an  dochas  so  air  a  thoirt  duinn  ann  an  te  de 
na  laoidhean,  ged  tha  mi  an  dtiil  gu  bheil  e 
air  a  chur  na's  l^idire  anns  an  laoidh  na  tha 
e  anns  an  sgriobtur  air  a  bheil  i  air  a  steidh- 
eachadh. 

Fos  tamull  beag,  is  ruigidh  sinn 
An  caladh  ait  fadheoidh, 
'S  an  coinnich  sinn  na  sgaradh  uaimi 
'S  cha  dealaich  finn  na's  mo. 

Bu  mhaith  leam  a  r^dh  a  dh'  a  on  ruith  gur  e 
so  ceist  nach  urrainn  mise  no  duine  eile  a 
fhreagairt.  Chan  'eil  foillseachadh  soilleir  no 
cinnteach  againn  anns  a'  Bhiobull  air  a' 
chtiis  ;  ged  nach  'eil  dad  anns  a'  Bhiobull 
air  an  urrainn  cridheachan  leonta  greim  a 
dheanamh  cha  mh6  a  tha  dad  ann  a  tha 
toirt  bhuapa  an  d6chais  gu'n  coinnich  iad 
r'an  c^irdean  air  taobh  thall  na  h-uagha, 
agus  gu'm  bi  caidrearah  eatorra  anns  an 
t-siorruidheachd. 

A  dh'  innseadh  na  fu-inn,  is  e  so  ceist  nach 
t^inig  riamh  a  steach  air  inntinn  nan  abstol. 
Ann  an  l^ithean  nan  abstol,  b'e  Criosd  a 
mh^in  dochas  na  gloire,  agus  b'e  uile  aoibh- 
neas  nan  naomh  gu'm  biodh  iad  maille  ris- 
san  ann  an  n^amh,  Anns  an  Tiomnadh 
Nuadh  chan  'eil  aon  fhacal  mu  ar  luchd-gaoil 
am  measg  aoibhneas  is  solasan  na  siorruidh- 
eachd,  ach  a  h-uile  facal  mu  Chriosd.  Is  e 
esan  a  mhain  solus  is  gloir  neimh  ;  tha 
aoibhneas  nan  naomh  a  co-sheasamh  ann 
a  bhi  maille  ris-san.  Sin  teagasg  an  Tiom- 
naidh  Nuaidh,  agus  sin  an  doigh  anns  an 
robh  na  h-abstoil  a'  sealltuinn  air  a'  chilis, 
air  chor  agus  gu'm  faod  e  bhi  fior  gu  bheil 
daoine  a  'call  tomhas  de'n  fhior  dhdchas  a 
thug  Dia  dhaibh,   mar  is  motha  a  tha  a' 


cheist  so  a'  lionadh  an  cridheachan,  An 
coinnich  sinn  ri  ar  luchd-gaoil  ? 

Bha  ministir  ainmeil  ann  an  siorramachd 
Rois  a  cha  ill  a  bhean,  agus  iad  le  cheile  gle 
og.  Bha  i  dha  mar  a  nail  a  bheatha,  agus  an 
deidh  a  bais  bhiodh  e  a'  guidhe  gu'n  tigeadh 
am  has  air  fhein  gus  faotainn  comhla  rithe. 
An  ceann  greis  mhothaich  e  gu  robh  so  a' 
tighinn  ead^  e  agus  Criosd  ;  nach  anu  idir 
air  comunn  is  lathaireachd  Chriosd  ann  an 
neamh  a  bha  e  a'  smuaineachadh,  ach  air 
companas  is  caidreamh  a  mhnatha. 

Ach  chan  e  sin  a  gheibhear  anns  an  Tiom- 
nadh Nuadh  ;  is  e  an  dochas  ait  a  tha  air  a 
thoirt  do  shluagh  an  Tighearna  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh  gu'm  bi  iad  gu  br^th 
maille  ris  an  Tighearna,  chan  e,  gu'm  bi 
iad  gu  br^th  maille  ri  luchd  an  gaoil. 

A  mach  o'n  fhacal  a  tha  air  a  dheachdadh 
leis  an  Spiorad  Naomh  chan  'eil  urrainn  eile 
as  cinntiche  na  fianuis  dhaoine  diadhaidh 
a  thug  dhuinn  am  beachd  air  a'  cheist  so, 
agus  bu  mhaith  leam  leigeil  le  aon  no  dha 
dhiubh  sin  am  beachd  innseadh  do  luchd- 
leughaidh  na  duilleig  so,  gun  fhios  nach  toir 
e  dhaibh  comhfhurtachd  anns  an  sgaradh 
a  rinn  am  b4s  'n  am  beatha. 

'Na  sheann  aois  sgriobh  Tomas  Carlyle  gu 
mhathair,  "  a  h-uile  uair  a  smuainicheas  mi 
gu'm  feum  mi  fhein  agus  sibhse  dealachadh, 
thig  crith  is  fuaohd  orm  ;  chan  'eil  comh- 
fhurtachd dhomh  ann  an  rud  air  bith  ach 
ann  a  bhi  creidsinn  gu'n  ceadaich  Dia  dhuinn 
coinneachadh  anns  an  t-saoghal  eile." 

Ann  an  1881  sgriobh  Iain  Ruskin  gu  Iain 
Brtm,  an  lighiche  glic  is  caomhail,  "  Tha  m' 
athair,  agus  mo  mhathair,  agus  mo  bhan- 
altrum  ghaolach,  d'feithea/mh  orm  ann  an 
tir  Immanuel  Shuas." 

An  uair  a  chuala  Tomas  Chalmers  mu  bh^s 
caraid  sonraichte  air  an  robh  meas  mor  aige 
sgriobh  e,  "  Bha  caidreamh  mills  eadaruinn 
air  thalamh,  agus  tha  mi  ag  altrum  a  mheud 
's  a  tha  an  soisgeul  a'  toirt  dhomh  de  dhochas 
gu'm  bi  caidreamh  mUis  eadaruinn  ann  an 
n^amh  cuideachd." 

Ann  an  aon  d'a  litrichean  sgriobh  PhUHps 
Brooks  mar  so,  "  Chan  urrainn  mi  gun  a  bhi 
smuaineachadh  air  uairean  ciod  an  seorsa 
eolais  a  bhios  aig  daoine  air  a  cheile  anns  an 
t-saoghal  eile,  agus  ciamar  a  bhios  iad  a' 
cumail  suas  an  cMrdeis.  Tha  mi  an  dtiil 
gu'm  faic  sinn  smuaintean  diomhau  a  cheile 
cho  soilleu'  's  ged  bhiodh  iad  m'  ar  coinneamh 
ann  an  leabhar.  Theagamh  gu'n  cuir  so 
eagal  is  uamhas  oirnn  an  toiseach,  ach  ri 
nine  fasaidh  sinn  cleachdta  ris,  agus  bidh 


6 


STAID  NAN  NAOMH 


e  'n  a  fhaochadh  dhuiim  fhaii-eachduinn 
gur  h-aithne  d'ar  c^irdean  a'  chuid  as  miosa 
annainn  cho  mhaith  ris  a'  chuid  as  fhe^rr, 
agus  nach  bi  eagal  oirnn  gun  sgur  gu'm  bi 
sinn  air  ar  faotainn  a  mach." 

Ged  tha  daoine  a'  cnuasachadh  air  staid 
nam  marbh  bho  thoiseach  an  t-saoghail  chan 
aithne  dhuinn  a  bheag  uime  sin  fhathast ; 
chan  aithne  dhuinn  dad  barrachd  air 
Socrates,  a  thubhairt  bho  chionn  da  mhile 
bliadhna  "  Biodh  deagh  mhisneach  agad  agus 
greimich  air  an  aon  ni  so,  nach  eirich  olc 
do  dhuine  maith,  co  dhiu  a  tha  e  beo  no 
marbh." 

Tha  a'  bheachd  fhein  aig  a  h-uile  duine  mu 
neamh  ;  ach  ged  dh'  fhaodas  nach  'eil  fois 
shiorruidh  nan  naomh  cho  ion-mhiannaichte 
ann  an  siiilean  na  gineil  so  's  a  bha  e  ann  an 


siiilean  an  aithrichean,  tha  mi  an  dtiil  gur  e 
sin  am  facal  as  fhe^rr  a  chaidh  riamh  a 
labhairt  mu  staid  nan  naomh,  dh'  fhagadh 
fois  fa  chomhair  sluagh  Dhe. 

Ann  an  neamh  tha  fois  is  sith  is  aonachd  is 
s61as  siorruidh  maille  ri  Criosd.  Dh'aithnich 
na  deisciobuil  air  beinn  a'  chruth-atharrach- 
aidh  Maois  is  Eliah  ged  nach  fhaca  iad  riamh 
iad  anns  anfheoil,  agus  faodaidh  e  bhith  nach 
e  a  mhain  gu'n  aithnich  sinn  anns  an  ath 
shaoghal  na  cairdean  a  b'  aithne  dhuinn  anns 
an  t-saoghal  so,  ach  gu'n  aithnich  sinn  na 
naoimh  nach  fhaca  sinn  riamh,  faidhean  is 
martaraich  is  abstoil.  Cha  bhi  oidhche  an 
sin,  agus  chan  'eil  feum  aca  air  coinnil  no  air 
solus  na  grdine,  oir  bheir  an  Tighearna  Dia 
solus  daibh  agus  rloghaichidh  iad  gu  saoghal 
nan  saoghal. 


Gala  na  sith 


Le   Alasdair  Mac  Fhrain^,  am  Bail-a-chaolais. 

NACH  gl6rmhor  an  sgeul  ud  th'air  innseadh  Tha  sluagh  cho  caoin-shuarach  's  chan  6isd 

do'n  t-saogh'l  iad  ri  guth 

Gu'n    d'th^inig    ar    Sl^n'ghear    a    dhearbh  Ar  Sgiobair,  ach  's  fhe^rr  le6  bhi  falbh  leis 

dhuinn  a  ghaol,  an  t-sruth, 

'S  a  dh'  fhuiling  'n  ar  n-^ite,  Mac  Glormhor  Fos  bidh  siime  le  dtirachd  ag  tirnuigh  le  tith 

an  Righ,  Gu'm  pill  iadsan  gu  fasgadh  an  Cala-na-sith, 
Bheir  E  sinne  gu  sabhailt  gu  Cala-na-sith. 

Ma's  ^ill  leat  a  charaid  tighinn  leiime  air 

b6rd, 
Rach  direao'i  a  dh'ionnsaidh  ar  Sgiobair  is 

c5rd, 
Agus  bheir  11  dhuit  gealladh  's  cha  t^id  thu 

a  dhith, 
Oir  bidh  subhachas  mor  ann  an  Cala-na-sith. 


Ged  sh6ideas  na  gaoithean  le  corruich  ro- 

gharg, 
Chan  atharraich  E  chtirs'  air  son  onfhadh  na 

fairg', 
Ach  stitiraidh  E  'n  luingeas  le  e61as  is  cli 
Gus  an  acarsaid  bheannaichte,  Cala-na-sith. 


,  Na  cladaichean  cunnartach  f^g  as  do  dheidh, 

Bidh   sgeirean  is   sruithean  is   brolainn   a  jg  ^uir  d'  earbs'  as  ar  Sgiobair  tha  c^irdeil 

chuam  is  reidh, 

A'  feuchainn  r'ar  b^thadh  's  ar  beatha  thou-t  ^g^g  i;^^^  E  sinn  comhla  troimh  stoirmean 

uamn,  g^j^  g^ri, 

Ach  seasaidh  smn  daingean  le  aoibhneas   n  q^   fior-thearainteachd   sh61asach   Cala-na- 

ar  cridh',                                                ^  g^th. 
'S  ruigidh  sinne  gu  tearainte  Cala-na-sith. 

'S  na  linntean  neo-chriochnach  's  gu  saoghal 

Cha  bhi  euslaint  air  b6rd  's  cuingidh-leigheis  nan  saogh'l, 

gu  leoir  Bidh  sinne  'g  ^rd-mholadh  a  nochd  a  ghaol, 

Aig  sgiobair  na  luing'  's  cha  bhi  duine  gun  'S  bidh  na  h-ainglean  's  4rd  ainglean  an 

treoir,  Itichairt  an  Righ 

No  farm  air  an  t-sUghe  le  acras  is  sgios,  A'  toirt  frithealaidh  gu  saor  dhuinn  an  Cala- 

Oir  tha  annlann  is  fois  ann  an  Cala-na-sith  na-sith. 


An  teid  na  h-eileanan  fas  ? 


Leis  an  Ollamh  Urramach  Golla  Ddmhnullach. 


Ma  tha  do  chas  air  tir-mor  agus  aig  do 
IMmh,  gach  goireas  a  bheir  carbad-ola  agus 
b^ta-smuid  'g  ad  ionnsuidh,  tha  e  furasda 
cor  nan  eileanach.  a  dhi-chuimhneachadh, 
ach  anns  a'  gheainhradh  an  uair  a  sheideas 
a'  ghaoth  agus  a  theid  an  cuan  gu  mire- 
chatha  tha  eileanan  beaga  mun  cuairt  ar 
cladaichean  eho  iomallach  ris  na  tighean- 
soluis. 

Beagan  sheachduinean  air  ais  dh'fhag 
ceann-teaghlaich  le  mhac  eilean  Heisker 
ann  an  sgoth  air  son  iir-m6r  Uidhist.  Bha 
an  dachaigh  ann  am  feum  mine,  tea,  siiicar, 
salann,  agus  goireasan  eile.  Choisinn  iad 
acarsaid  gu  h-aithghearr,  ach  ma  choisinn, 
dh'eirich  an  soirbheas  agus  thoic  an  cuan. 
Ged  bu  dednach  air  tilleadh  iad,  bha  fairge 
throm  agus  gaoth  an  ceann.  Cha  I'obh 
air  ach  fuireach  gus  an  tuiteadh  a'  ghaoth 
agus  an  sioladh  an  caol.  Cha  robh  doigh 
air  fios  a  chur  gu  Heisker.  Bha  a  bhean  agus 
an  teaghlach  ann  am  fiabhrus  iomagain. 
An  diugh  chan  'eil  ach  aon  teaghlach  air 
Heisker  ach,  mur  bheil  mo  chuimhne  'g  am 
mhealladh,  b'abhaist  ceo  a  bhi  ag  eirigh  o 
ochd  luidhearan.  Bha  iad  sunndach  sona 
agus  fallain.  Cha  robh  am  beoshlaint  saibhir 
ach  bha  iasg  ri  ghlacadh  air  carraig  is  air 
cruaidh.  Shaoilinn  gu'm  bitheadh  deagh 
chosnadh  aca  ag  iasgach  ghiomach. 

Ach  tha  cheist  so  a'  dusgadh — agus 
freagradh  esan  i  a  thogras — an  teid  Heisker 
f  ^s  ? 

Mur  nach  bu  leou-  so,  leugh  mi  litir  a 
sgriobh  fear  de  mhuinntir  eilean  Foula. 
Tha  fichead  mile  eadar  an  t-eilean  so  agus 
tir-mor  na  Sealtainn.  Bha  an  litir  ag 
irmseadh  gu'm  bheil  crannchur  an  eilein 
cho  cruaidh,  agus  ann  am  beachd  moran 
nach  'eil  leigheas  air  an  suidheachadh  ach 
an  t-eilean  fh^gail  aig  na  roin,  na  sgairbh, 
agus  na  h-asain. 

'S  e  so  a  thachair  do  eilean  Hirt.  Ged  a 
fhuair  na  Hirtich  tighean  seasgar  air  tir-mor 
agus  seol  air  cosnadh  na  bu  chinntiche  na 
chleachd  iad,  bha  an  cridheachan  goirt  an 
uair  a  chaidh  Irt  as  an  t-sealladh  anns  an  4ird 
an  iar.  Ged  bha  Hirt  'na  phriosan  do  bhean 
uasal  mhi-fhortanach  aon  uair,  cha  robh 
biadh  no  annlan  gann  cho  fad'  agus  a  bha 
an  sluagh  lionmhor.  Bha  iasg  mu'n  clad- 
aichean, eoin  le  oirleach  blonaig  orra  anns 
na  stallachan,  oaoraich  agus  gobhair  feadh 
nan  creag.     G^  a  bha  adhaireean  air  na 


caoraich  Irteach  mar  chabair-feidh,  cha 
robh  cloimh  nan  caorach  fada  no  trom.  Bha 
na  nmathan  trang  ri  calanas,  ag  armadh, 
a'  cireadh,  agus  a'  sniomh  nan  rtisg.  Bha 
figheadaran  gu  finealta  a'  tilgeadh  clo 
agus  ctiirinn  thar  nam  beairtean.  Car  son 
a  threig  na  Hirtich  an  t-eUean  ?  Direach  an 
eiginn.  Cha  robh  acarsaid  aca  a  chumadh 
sgoth  no  geola  tearuitite  o'n  ghaoth  agus 
ataireachd  a'  chuain.  Bha  feum  air  feachd 
a  chur  bata  air  s^ile,  agus  nuair  a  thUleadh 
maraichean  gu  cladach  feachd  eile  a  shlao- 
dadh  eithir  air  lunnan  os  cionn  a'  mhuir-14in. 

Ach  chuala  an  oigridh  mu  shaibhreas  tir- 
mor  agus  a  ghoireasan  iongantach  agus 
th6isich  iad  air  eilean  iomallach  a'  chuain 
a  threigsinn.  Gu  trie  shoirbhich  na  h- 
eileanach  agus  thalaidh  fathunn  an  soirbh- 
eachadh  tuilleadh  de'n  oigridh  'n  an  deidh. 
Mu  dheireadh  cha  robh  ach  seann  daoine 
air  fhagail.  Cha  streap  seann  daoine  creagan 
agus  stixcan  a  chladaich.  Cha  mho  a 
chuireas  iad  b^ta  air  sn4mh  no  thairngeas 
iad  i  gu  fasgadh.  Chan  'eil  ann  an  cas- 
chrom  ach  inneal  mall  a  thionndadh  an 
fhuinn,  agus  gu  de  an  obair  fhearainn  a  ni 
bodaich  a  chaill  liith  agus  cli  na  h-6ige  ? 
Gun  Mteachadh  cha  bheathaichear  bo  agus 
gun  bho  cha  bhi  bainne.  Sin  mar  a  bha 
na  Hirtich  air  an  teannachadh  agus  a 
b'fheudar  dhaibh  an  ciilthaobh  a  thoirt 
air  Hirt. 

An  uair  a  dh'fhalbhas  an  oigridh  agus 
a  dh'fhanas  an  aoismhor,  tha  an  latha  dluth 
anns  am  bi  e  air  a  chunntas  'na  ghniomh 
trocaireaeh  an  liubhairt  o  shuidheachadh 
nach  'eil  saor  o  chunnart.  Ged  nach  aobhar 
farmaid  muinntir  Fhoula,  tha  an  suidh- 
eachadh fabharach  seach  Hirt.  Tha  Foula 
tri  mile  air  fad  agus  d^  mhile  air  lend. 
Ann  an  toiseacb  na  linn  so  bha  da  cheud 
pearsa  air  an  eilean.  Tha  mu  cheithir 
fichead  air  fhathast.  Tha  am  fearann 
brighmhor.  Tha  iasg  pailt  anns  a'  chuan 
gle  dhluth  dhaibh.  Ach  gun  bh^taichean 
mora  agus  beairt  iasgaich  hr,  cia  mar  a 
bheir  iad  an  cuid  o  thr^lairean  le  lion- 
sgriobaidh  nach  ihkg  iasg  beag  no  mor 
air  tirlar  a'  chuain  ? 

Is  e  daoine  calma  gleusda  a  tha  ann  am 
Foula,  daoine  coimhlionta  air  muir  's  air 
tir,  daoine  a  dhearbh  an  cruadal  agus  an 
dilseachd  ann  an  latha  na  deuchainn.  Is  e 
gle  bheag  a  chuireas  air  an  casan  iad  agus 
ann  am   bheaohd-sa   cha   bhi   an  dtithaich 


AN  T=URR.  IAIN  MACGHILLEATHAIN,  LOCH  AILLSE 


gun  tamaiit  ma  bhitheas  iad  air  am  fogradh 
le  dlth  beagan  cuideacbaidh.  Saoil  eibb 
nacb  fhiacb  eilean  a  bba  air  ^iteacbadb  leis 
na  maraicbean  tuatbacb  o  cbionn  mile 
bliadbna  beagan  dragb  agus  cosgais  ? 

An  Uid  Foula  fas  ?  Cba  teid  ma  gbeibb 
na  b-eileanaicb  acarsaid,  ratbad-mor,  agus 
b^ta  a  bbeir  iad  gu  tir-mor  agus  dbacbaigb 
gu  riagbiilteacb  ann  an  sid  cbumanta. 

Cban  'eil  fasgadb  aig  b^ta  o  onfbadh  na 
mara  acb  geodba  air  taobb  an  ear  an  eilein. 
Bbiodb  e  cosgail  acarsaid  a  dbeanamh  acb 
cba  chuireadh  ceitbe  beag  moran  fbiacban 
air  an  riogbacbd.  Ma's  eudar  dol  gu  btitb 
no  margadb,  feumaidb  iad  le  neart  gb^irdean 
am  bata  a  cbm:  air  sMe  agus  air  a'  mbodb 
cbeudna  air  a  tilleadb  a  cur  os  cionn  muir- 
l^n.  Tba  am  b^ta  so  da  fbicbead  bliadfma, 
agus  thogadb  i  mar  bbata  seolaidb.  Tba 
engine  air  a  brosnacbadb  le  paraffin  innte 
a  nis.  Tba  naoi  troigbean  deug  ann  an 
druim  a'  bb^ta  agus  tba  i  ocbd  troigbean 
air  leud.  Na'n  robb  i  na  bu  mbotba  cban 
'eil  seol  aca  a  cur  gu  muir.  Tba  an  oigridb 
a'  fas  gann  agus  doigb  is  cinnticbe  air  batbar 
agus  litricbean  aiseag,  tba  an  latba  dlutb 
anns  an  eiricb  a'  cheist — an  Uid  Foula  fas  ? 

Tba  croit  air  fbicbead  air  an  eilean  acb 
cban  'eil  ratbad  mor  acb  gu  sia  dbiubb.  An 
dean  an  staid  cobbair  air  eileanan  anns  an 
t-suidbeacbadb  so  ?  Mur  dean,  is  ann 
do'n  staid  a  bbitbeas  an  call.  Nacb  'eil 
ar  creideamb  ag  iarraidb  air  an  laidir  uallacb 
nan  lag  a  gbiiilan  ?  Is  beag  a'  cbosgais  a 
db'fboghnas  a  thoirt  goireasan  tir-mor  chum 
nan  eileanacb.     Cban   'eil  fiutbair   aca   no 


iarraidb  air  tigb-dbealbban,  acb  b^ta  le 
cl^r-uacbdar  agus  long-pbort  beag  fasgach. 

Cban  'eil  fiutbar  no  iarraidb  air  ratbadan- 
m6ra  air  son  carbadan-ola.  Fogbnaidb 
sligbe  a  leigeas  le  coisicbe  a  dbacbaigb 
fbagail  agus  a  ruigbeacbd  gun  dol  tbar  na 
broige  ann  am  boglacb.  Is  airidb  Foula 
agus  iomadb  eilean  eile  air  sin,  agus  mur 
faigb  iad  sin  tbeid  Foula  agus  a  leitbid  fas. 
A  cbosgais !  Mo  n^ire !  Coig  muillion 
punnd  Sasunnacb  anns  an  latba  air  milleadb 
agus  marbbadb  anns  a'  chogadb  mbor.  An 
leig  sinn  leis  na  b-eileanan  a  db'^raicb  na 
seoid  a  cboisinn  buaidb  dol  a  dbitb  le 
crionadas  suaracb  ?  Cban  'eil  am  fear 
a  leigeas  le  bb^ta  dol  a  dbolaidb  le  cion 
sgriob    de    pbeallan-tearraidb    glic. 

Tba  an  fbuil  glan  anns  na  b-eileanan  agus 
is  e  fuil  nan  eilean  a  tba  o  bbliadbna  gu 
bliadbna  ag  uracbadb  nam  bailtean  mora 
agus  'g  an  cumail  beo.  Tba  an  inntinn  cbo 
fallain  ris  an  fbuil.  Tba  miorbbuilean  a' 
cbrutbacbaidb  mu'n  coinneamb  o  laitbean 
na  b-6ige,  agus  tba  urram,  iimblacbd, 
aoradh  agus  irisleacbd  dutbebasacb  dbaibb. 

Tba  ana-creidmbich  lionmbor  anns  na 
bailtean  mora  acb,  ged  a  tba  mi  a  nis  aos- 
mbor,  cba  do  tbacbair  ana-creidmbeach  orm 
am  measg  nan  eileanacb.  Is  e  creideamb 
slainteil  Cbriosd  a  tbogas  an  saogbal  as  a' 
cblabar  anns  am  bheil  e  'g  a  aolagan  fein 
anns  na  laitbean  so.  Cumadb  urramaicb 
agus  maitbean  na  riogbacbd  cor  nan  eilean 
'n  an  ambarc,  agus  mur  d'fb^g  gliocas  an 
saogbal,  cba  leig  iad  leis  na  h-eileanan 
dol  fas. 


An  t-Urr.  Iain  MacGhilleathain,  Loch  Aillse 


BU  mb6r  an  dubbacbas  a  bba  an  Sgire 
Locb  Aillse  a'st  t-Fogbar  an  uair  a  cbualas 
gun  do  sbiubbail  an  seann  mhinistear 
gradbacb  air  an  t-sligbe  bbuain.  Rinn  Mgr. 
MacGbilleatbain  seirbheis  dbileas  do  Dbia 
agus  do  dbuine  an  seo  fad  coig  bliadbna 
deug  tbar  fbicbead.  Is  maith  a  b'aitbne 
dba  comhairle  gblic  sbolasacb  a  tboirt  do 
neacb  fo  imcbeist  agus  briathran  ttirail 
doigbeil  a  cbleacbdadb  ann  an  cur  an  ceil 
Sbgbe  na  Firinn  agus  ann  tairgseadb  Aran 
na  Beatba  do  a  lucbd  eisdeacbd.  Aig 
amanna  broin  no  aoibhneis  bba  e  truasach 
cartbannacb  le  focal  freagarracb  do  sbuidb- 
eacbadb  gacb  neacb,  agus  is  cinnteacb  gum 
bi  ionndrainn  air  fad  iomadb  latba.  Rugadb 
agus  db'araicbeadb  Mgr.  MacGbilleatbain 
an  Uidhist  a  Tuatb  agus  thug  e  mach  am 
fOgblum  an  Glaschu  is  an  Abaireadban. 
'Na   dige   chuir  e   greis   sea  chad    an   Sratb 


Chonnan,  agus  thainig  e  as  an  sin  gu  taobb 
siar  na  dutbcha.  Bba  e  eudmbor  mu  ehor 
na  cloinne  agus  thug  e  fada  ann  an  combair- 
lean  an  fboghluim  anns  an  sgire  agus  anns 
an  t-siorramacbd.  Cba  do  dbiult  e  riamb 
a  dbicbioU  a  dbeanamh  gu  cotbrom  a  tboirt 
do  bbalach  no  nigbsan  ghealltanacb  agus 
bu  shona  e  an  uair  a  chluinneadh  e  gun 
robb  iad  a'  deanamb  gu  maith.  Leig  e 
dbeth  a  dhreucbd  a's  t-Earrach  agus  thais- 
bein  an  comh-thional  an  speis  da  fhein  is  da 
phiuthar  aig  cruinneachadh  aig  an  d'fbuair 
e  sporan  tomadach  le  deagh  dhhrachd  an 
t-sluaigb.  Bu  shonas  m6r  da  anns  na 
laitbean  mu  dheireadh  de  a  chuairt  air 
thalamh  an  cordadb  41uinn  leis  an  do 
thaghadh  am  fear  a  bba  gu  a  aite  a  thogail, 
an  t-Urr.  Aoughas  MacLeod.  Tba  cuimbne 
chtibhraidh  ah  Mgr.  MacGbilleatbain  an 
Locb  Aillse. 


Aireamh  4 


1947 


Sith  is  coimhliontachd 

Leis  an  Urr.  Calum  MacLedid,  M.A.,  nach  maireann. 

"  A  nis  gun  deanadh  Dia  nd  slihe,  a  thug  air  ais  o  na  marbhaibh  ar  Tighearna 
losa,  ard-hhuxichaill  nan  caorach,  tre  fhuil  a'  choimhcheangail  shiorraidh,  sibhse 
coimhlionta  anns  gach  idle  dheagh  obair,  chum  sibh  a  dheanamh  a  thoil-san,  ag 
oibreachadh  annaihh  an  ni  tha  taitneach  'na  lathair-san,  tre  losa  Criosd  : 
Dhasan  gu  robh  gloir  gu  saoghal  nan  saoghal.     Amen.'' — Eabhr.  xiii.  20-21. 


CLUINlSriDH  sinn  aig  cuid  de  dhaoine  an 
dr^sda  's  a  rithist  bho  sguir  an  cogadh  agus 
a  th^inig  an  t-sith,  gu  bheil  cuisean  cho 
cruaidh  agus  cho  dona  's  a  bha  iad  ri  linn 
a'  cbogaidh  fhein.  -Chan  'eil  an  sin  ach 
cainnt  amaideach. 

Gun  teagamh  tha  riaghailtean  is  reachdan 
fhathast  ag  cumail  iomadach  ni  is  goireas 
gun  a  bhith  cho  pailt  agus  cho  saor  is  a  bu 
mhaith  le  daoine.  Ach  tha  na  riaghailtean 
sin  agus  na  reachdan  sin  a  chum  leas  a' 
chumantais  agus  m.aith  na  rioghachd  gu 
h-iomlan.  Tha  atharrachadh  mor  a  nis 
air  ciiisean  ri  am  na  sithe  seach  mar  a  bha 
iad  ri  linn  cogaidh.  Cha  robh  ann  an  uair 
sin  ach  sgrios  agus  milleadh  agus  leon  agus 
marbhadh  dhaoine.  Sin  gne  cogaidh — 
marbhadh  agus  sgrios.  Agus  mar  is  motha 
a  mharbhar  agus  a  sgriosar,  is  ann  as  soirbh- 
eachail  an  cogadh. 

Ach  an  uair  a  thig  an  t-sith  tha  sgrios  is 
marbhadh  a'  sgur.  Tha  caradh  is  leasach- 
adh  a'  toiseachadh.  Thatar  a'  toiseachadh 
ri  glanadh  air  falbh  an  t-salachair  agus  an 
sgtiilich  a  dh'  fhag  an  cogadh ;  tha,  agus  air 
leasachadh  agus  air  sl^nachadh  a'  mhlllidh 
agus  an  leotn  a  rinn  an  cogadh.  Tha  e 
soilleir  do  na  h-uile  a  nis — agus  an  t-sith 
aig  an  t-saoghal — gu  bheil  am  milleadh  is 
am  briseadh  a  rinn  an  cogadh  ri  ghlanadh 
air  falbh  mus  toisichear  eadhon  air  caradh 
agus  air  togail  na  chaidh  a  bhriseadh  's  a 
leagail. 

Tha,  ma  tha,  mar  sin  cogadh  is  aisith  a' 
briseadh  agus  a'  mUleadh,  ag  cur  as  is  a' 
leon  is  a'  marbhadh.  Tha  an  t-sith,  air  an 
laimh  eile,  ag  glanadh  is  ag  caradh,  a' 
steidheachadh  is  a'  togail  is  a'  deanamh 
coimhlionta.  Tha  so  soUleir  dhutnne  agus 
do  'n  t-saoghal,  an  deidh  a'  chiogaidh  oUlteil 
a  tha  air  tighinn  gu  crich,  agus  a  nis  an  t- 
sith  againn,  agus  ar  rioghachd  agus  riogh- 
achd agus  rioghachdan  eile  an  domhain  ag 


caradh  agus  a'  leasachadh  agus  a'  togail  a' 
mhillidh  a  rinneadh  mus  tMnig  an  t-sith. 

So,  m.a  tha,  mar  a  bha  agus  mar  a  tha  an 
saoghal  gun  Chriosd — ^ag  cogadh  an  aghaidh 
Dhe,  agus  a'  briseadh  agus  a'  milleadh  gach 
ni  a  tha  maith  agus  maiseach  agus  feumail. 
Tha  an  Namhaid  agus  am  peacadh  ag 
cogadh  an  aghaidh  Dhe  agus  an  aghaidh 
sluagh  Dhe,  agus  a'  deanamh  milleadh  is 
leon  is  marbhadh. 

Ach  thainig  Criosd  do  'n  t-saoghal,  agus 
thug  e  buaidh  air  an  Namhaid  agus  air  a' 
pheacadh,  agus  thug  e  sith,  tre  a  bhas  air 
a'  chrann,  do  'n  t-saoghal  agus  do  gach 
anam  a  tha  ag  gabhail  ris-san. 

"  Le  a  bhas  air  a'  chrann 
Thug  e  naimhdean  gu  teann  fo  chis  ; 
'S  thug  e  talamh  is  neamh 
Gu  bhith  an  caidreimh  a  cheil'  a  rist." 
Neo  mar  a  chuir  an  Salmaidh  e  : 
"  Tha  trocair  agus  firinn  ghlan 
air  comhlachadh  a  cheil'  ; 
Tha  ceartas  agus  siochaint  mhaith 
a'  pogadh  beul  ri  beul." 

Tha,  mar  sin,  sith  aca-san  a  ghabh  ri 
Criosd  ;  agus  tha  iad  direach  mar  a  tha  an 
saoghal  an  drasda  an  deidh  a'  chogaidh — 
tha  aca  ri  glanadh  air  falbh,  agus  leigeil  le 
Dia  a  ghlanadh  air  falbh,  am  milleadh  a  rinn 
am  peacadh  's  an  N4m.haid  'nan  anamaibh. 
Tha  aca  ri  togail — agus  is  e  Dia  a  dh'oibrich- 
eas  annta,  araon  ann  an  toil  agus  ann  an 
gniomh  ;  tha  aca  ri  togail  an  ni  a  bhris  agus 
a  leag  naimhdean  an  anama.  Tha  iad  fo 
riaghailtean  agus  fo  reachdan  so  a  dheanamh 
— ^riaghaUtean  is  reachdan  Dhe.  Tha  so 
aca  an  cois  na  sithe — sith  bheannaichte 
Dhe. 

Is  ann  air  an  t-sith  so,  sith  cloinne  Dhe, 
agus  air  na  tha  leantahm  na  sithe  so,  a  bu 
mhaith  leam  leudachadh  car  tiotain.  Beach' 
daicheamaid  an  toiseach  air  : 


SITE    LS    COIMHLIONTACHD 


I.    Ughdar  7ia  Sithe. 

Is  c  Dia  fhein  ughdar  na  sithe  so.  Chog 
osan  ri  naimhdean  anani  an  duine.  Bha 
na  naimhdean  sin  a'  sgrios  agus  ag  cur  an 
t-saoghail  fodhpa  fhein,  ach  chuir  Dia  Aon 
Mhac  a  ghraidh  do  'n  t-saoghal  agus  chog 
e  an  aghaidh  a'  pheacaidh  agus  an  Namhaid, 
agus  thug  e  buaidh.  Mar  anns  gach  uile 
chogadh,  cha  b'ann  gun  fhulangas  agus  leon 
agus  gun  mharbhadh  a  thug  e  buaidh,  agus 
a  fhuair  a  phobull  sith.  Is  iomadh  neach  a 
dh'  fhuiling  leon  agus  creuchd  agus  has  air 
tailleamh  a'  chogaidh  ghrannda  niu  dheireadh 
mus  tainig  an  t-sith.  Agus  sheas  esan, 
Gaisgeach  treun  nam  Buadh,  an  aghaidh  an 
Namhaid  air  ar  son-ne,  agus  chog  e  ris,  agus 
thug  e  buaidh  a  mach,  agus  dh'aisig  e  sith 
do  gach  h-aon  a  ghabhas  ris.  Ach  cha 
b'ann  gun  fhulangas.  "  Lotadh  e  air  son 
ar  peacaidh-ne,  bhriithadh  e  air  son  ar 
n-aingidheachdan  ;  leagadh  airsan  smach- 
dachadh  ar  sith,  agus  le  a  chreuchdan-san 
shlanaicheadh  sinne." 

So,  a  ch^irdean,  an  t-sith  a  tha  againn 
ann  an  Criosd — sith  a  tha  dol  thar  gach 
uile  thuigse — sith  shiorraidh,  a  tha  e  a' 
toirt  dhuit-sa  agus  dhom.hsa  a  ghabh  ris  mar 
Fhear-saoraidh.  Is  e.Dia.  a  h-iighdar,  egus 
tha  i  seasmhach  agus  siorraidh  mar  e 
fhein. 

II,  Seal!  a  nis,  san  dara  h-aite,  ri 
Aobhar  na  Sithe. 

Is  e  sin,  an  t-aobhar  air  an  tug  e  dhuinn 
an  t-sith  bheannaichte  so.  "  Chum  sinn  a 
dheanamh  coimhlionta  anns  gach  uUe  dheagh 
obair,  chum  gun  deanadh  sinn  a  thoU-san." 

Fhad  's  a  bha  an  cogadh  ann  cha  robh 
ann  ach  milleadh  is  sgrios  is  leon  is  marbhadh, 
ach  an  uair  a  thiinig  an  t-sith  's  a  chaidh 
na  naimhdean  a  chur  fo  smaig,  chaidh 
toiseachadli  air  nithean  a  reiteachadh  's  a 
ghlanadh  agus  a  thogail.  Sin  mar  a  rinn 
Dia  nuair  a  thug  e  buaidh  ann  an  Criosd 
air  Namhaid  an  anama  agus  a  thug  e  dhuinn 
sith  tre  fhuil  a'  choimhcheangail  shiorraidh  ; 
thoisich  e  air  reiteachadh  agus  air  glanadh 
air  falbh  salachair  is  truilleis  a'  pheacaidh 
's  an  Namhaid.  Tha  e  deanamh  so,  chan 
ann  a  mhain  san  t-saoghal  o'n  leth  a  muigh, 
ach  ann  an  anam  an  duine  a  ghabh  ris  an 
t-sith  so  ann  an  Criosd. 

So,  ma  tha,  a  chairdean,  aobhar  a'  chogaidh 
agus  na  sithe  a  choisinn  Criosd  dhuinn— 
chum  's  gum  bitheadh  sinn  coimhlionta. 

A  nis,  anns  a'  cheud  chanain,  anns  a' 
Ghreugais,  is  e  facal  gle  shonraichte  agus 
gle  thorach  a  tha  san  fhacal  so,  "  coimh- 
lionta." Tha  cuimhne  agaibh  gur  h-ann  ag 
cai'adh  an  lion  sa'  bhata  a  bha  Seumas  agus 


Eoin  mic  Shebede  nuair  a  ghairm  an  Tigh- 
earna  an  toiseach  iad.  Is  e,  ma  tha,  am 
facal  a  tha  air  a  chleachdadh  air  son  caradh 
nan  lion  a  tha  an  so  air  a  chleachdadh  air 
son  "coimhlionta."  Cha  do  '  dhiochanaich 
mi  riaiinh  bho  chunnaic  mi  an  toiseach,  's 
mi  'nam  bhalach,  iasgairean  an  sgadain 
ag  caradh  an  lion  aig  Ceidhe  Mor  Steorna- 
bhaigh.  Chunnaic  mi  fichead  uair  bho'n 
uair  sin  e,  eadar  Barraidh  is  Yarmouth,  ach 
ged  nach  robh  mi  air  fhaicinn  ach  an  aon 
uair  ud  cha  robh  mi  air  a  dhiochanachadh 
fhad  's  bu  bheo  mi.  Bha  aon  fhear  de'n 
sgioba,  le  a  shnathaid  's  le  sgithinn,  'na 
shuidhe  an  cliathaich  a'  bhata  ag  caradh  nan 
lion  mun  rachadh  iad  gu  s^.  Far  an  robh 
toll  no  sracadh,  ghearradh  e  glan  as  na 
fuighill  snatha  a  bh'ann,  agus  le  a  shnathaid 
chuireadh  e  moguil  ura  ean  t-sracadh. 
Chlthinn  e  rithist  a'  deanamh  greim  chruaidh 
air  mir  de'n  lion  le  a  dh^  laimh  agus  'ga 
tharraing  bho  cheile  dh'fheuch  an  robh  e 
laidir,  fallain.  Uaireannan  a  reubadh  e  an 
lion  as  a  cheile  leis  an  tarraing  a  bha  e  toirt 
air  ;  uaireannan  eile  a  sheasadh  an  lion  ris 
an  tarraing  a  bheireadh  e  air  ;  agus  bha 
sin  a'  leigeil  fhaicinn  dha  gu  robh  am  mir 
sin  de'n  lion  slan  fallain.  Ach  far  an 
reubadh  an  lion,  bheireadh  e  air  a  sgian, 
agus  ghearradh  e  air  falbh  na  bha  lag  no 
grod  dheth,  agus  chuireadh  e  ann  an  tiota 
moguil  ura  ann. 

So,  ma  tha,  aobhar  sith  is  gradh  Dhe 
dhuinn — chum  ar  caradh  ;  chum  gach  pea- 
cadh  is  uireasbhaidh  a  th'annainn  a  thoirt 
air  falbh,  agus  a  chum  beatha  nuadh  a  chur 
'nan  aite.  So  aobhar  na  sithe — 'gun  dearbh 
Dia  sinn  dh'fhuech  an  seas  sinn  ri  buaireadh, 
agus  a  dh'fheuch  a  bheil  sinn  laidir  a  chum 
feuma  dh^san  ;  agus,  ma  sheasas,  fagaidh  e 
sinn  mar  a  tha  sinn,  ach,  mur  a  seas,  bheir 
e  air  falbh  an  ni  a  tha  lag  agus  anmhann, 
agus  cuiridh  e  ni  e  tha  laidir  'nan  aite. 
Caraidh  e  sinn  ;  ni  e  sinn  coimhlionta  mar 
lion  'na  laimh  fhein,  coimhlionta  chum  a 
thoil-san  a  dheanamh. 

III.  A  nis,  san  treas  aite,  faic 
Toradh  iia  Sithe  so. 
Is  e  toradh  na  sithe  so  gu  bheil  daoino 
air  an  ath-nuadhachadh,  air  an  deanamh 
slan  fallain  ann  a;n  Dia,  uidheamaichte  chum 
toil  Dhe  a  dheanamh.  Chan  e  mhain  gu 
bheil  iad  air  an  caradh — tha  iad  sin — 
ach  tha  iad  air  am  beothachadh  le  beatha 
nuadh  agus  naomh — beatha  na  h-aiseirigh 
aig  Criosd.  Thug  Dia  na  sithe  esan  air  ais 
o  na  mairbh,  tre  fhuil  a'  choimhcheangail 
shiorraidh,  chuniviadsan  a  dheanamh  coimh- 
lionta.    Sill   toradh    mor   na   sithe   so. 


AN  DE  'S  AN  DIUGH 


3 


Ach  tha  toraidhean  eHe  an  cois  na  sithe. 
Is  ann  a  chum  's  gun  glac  e  iasg  a  tha  lion 
air  a  ohur.  An  lion-sgadain  nach  glac 
sgadan  chan  'eil  feum  ann.  Ma  tha  na 
moguil  ro  mhor  no  ro  bheag  tilgidh  an  t- 
iasgair  a  thaobh  e.  Agus  a'  mhuinntir  nach 
'eil  'nam  meadhon  air  a  bhith  cumail  suas 
agus  a'  beathachadh  eaglais  is  rioghachd 
Dhe,  cha  bhi  Dia  fada  'gan  cleachdadh,  agus 
caillidh  iad  an  sith  fhein.  Tha  lion  a  chum 
feum  agus  a  chum  cosnaidh,  agus  tha  sinne 
a  fhuair  an  t-sith  so — air  chosg  cho  mor — 
tha  sinn  a  chum  feuma  agus  a  chum  cosnaidh 
dh^san  a  shaor  sinn  agus  a  bhuilich  an 
t-sith  so  oirnn. 

Rud  eile.  Chunnaic  mi  gu  bheil  seorsa 
lion  ann  a  tha  a  chum  6rdugh  is  eireachdais. 
Bidh  na  mnathan  ag  cur  lion  air  am  fait, 
a  chum  gun  gleidh  e  am  fait  an  ordugh 
ceart,  agus  mar  mheadhon  eireachdais  dhaibh 
fhein  agus  'na  thoileachas  do  mhuinntir  eile. 
So,  ma  tha,  aon  eile  de  thoraidhean  sith 
Dhe  dhuinne,  gun  cum  i  sinn  an  ordugh 
ceart  agus  gum  bi  i  'na  h-eireachdas  oirnn 
fhein  agus  mar  sin  air  an  aite  sam  bi  sinn. 

Chunnaic  mi  cuideachd  lion  'ga  chur  air 
craobhan-measa  chum  na  dearcan  's  na 
measan  a  dhion  bho'n  eunlaith  a  mhilleadh 
iad  's  a  sgriosadh  iad  mur  a  b'e  an  lion. 
Tha  sith  Dhe  a  chum  's  gun  dion  luchd-na- 
sith  gach  ni  a  tha  maith  agus  maiseach  agus 
feumail  am  measg  dhaoine — seadh,  agus 
nithean  mora  agus  cudthromach  Dhe,  mar 
a  tha  Soisgeul  Chriosd  agus  Facal  Dhe 
agus  Latha  Dhe  agus  Eaglais  Dhe. 


Tha  cuimhne  agam  cuideachd  gu  robh, 
ri  linn  a'  chogaidh,  lion  st^ilinn  air  a  thar- 
raing  fo'n  mhuir  eadar  dk  thaobh  beul 
B^gh  Chluaidh.  Bha  an  lion  iarainn  so 
bho  dhara  cladach  na  Cluaidhe  gus  a' 
chladach  eile  fo'n  fhairge,  chum  nach 
fhaigheadh  submarine  Grearmailteach  a 
steach  a  dheanamh  sgrios  am  measg  luingeis 
is  shoithichean  a  bha  stigh  an  abhainn 
Chluaidh.  Bha  an  lion  so  'na  dhion  bho 
ar  naimhdean. 

Tha  so  'na  thoradh  air  sith  Dhe — -dion 
is  gleidheadh  bho'n  N^mhaid.  Agus  ged 
a  tha  an  t-sith  air  uaireannan  folaichte  an 
cridheachan  sluagh  Dhe,  mar  a  bha  an  lion 
stailinn  san  fhairge,  tha  i  'na  meadhon 
dion  air  eaglais  is  rioghachd  Dhe  air  thalamh, 

Tha  mar  sin,  a  chairdean,  Dia  na  sithe, 
a  thug  air  ais  o  na  mairbh  ar  Tighearn  losa, 
Ard-bhuachaiU  nan  caorach,  tre  fhuil  a' 
choimhcheangaU  shiorraidh,  'gar  deanamh 
coimhlionta  anns  gach  uile  dheagh  obair, 
chum  sinn  a  dheanamh  a  thoil-san,  ag 
oibreachadh  annainn  an  ni  sin  tha  taitneach 
'na  lathair-san  tre  losa  Criosd. 

Agus  seach  gu  bheil  an  t-sith  bheann- 
aichte  so  a  nis  againn,  Ian  oibricheamaid  a 
mach  ar  slainte  le  h-eagal  agus  ball-chrith 
oir  is  e  Dia  tha  ag  oibreachadh  annainn 
araon  ann  an  toil  agus  ann  an  gniomh.  Agus 
coimhididh  sith  Dhe,  a  tha  thar  gach  uile 
thuigse,  ar  cridhe  agus  ar  n-inntiin  ann  an 
losa  Criosd.  Dhasan  gu  robh  gloir  gu 
saoghal  nan  saoghal.     Amen. 


An  de  's  an  diugh 

Smuaintean  air  Eachdraidh  nan  Gaidheal 

Leis  an  Urr.  T.  M.  MacCalmain,  M.A.,  Glaschu. 


THA  cor  na  G^idhealtachd  an  diugh  'na 
chviis-smuain  do  mhoran,  agus  is  math  gu 
bheil.  Tha  sinn  a'  faicinn  dara  leth  na  h- 
Albann  air  a  shior-fh^sachadh,  agus  gun 
neach  ag  amas  air  doigh-leasachadh.  Tha 
Rhnaire  na  Staite  air  son  Albann  an  deidh 
comhairle  iir  a  shuidheachadh  gu  bhith  dol 
an  car  obair-leasachaidh,  ach  tha  cuid  againn 
a'  saoilsinn  nach  'eil  tighdarras  aig  a'  chomh- 
airle  iir  so  gus  na  nithean  as  feumaile  a  chur 
an  gniomh.  Chan  'eil  anns  a'  chomhairle 
so  ach  comhairle-earalach,  agus  chualas 
earail  gu  leoir  mu'n  Gh^idhealtachd  o  chionn 
bhliadhnachan.  'S  e  tha  dhith  oirnn  gniomh 
agus  chan  e  earail  no  comharile. 

Anns  an  t-suidheachadh  a  th'ann,  tha  e 
iomchuidh    chan   e    mh^in   gun   gabhamaid 


beachd  air  cor  na  duthcha  's  an  t-sluaigh 
an  diugh,  ach  mar  an  ceudna  gun  toireamaid 
stiil  air  ais  air  na  h-aobhair  bho'n  d'fh^s 
cor  ar  latha  ne.  Gus  so  a  dheanamh, 
feumaidh  sinn  dhol  air  ais  da  cheud  bliadhna, 
agus  anns  an  d^  cheud  bhadhna  sin  chi 
sinn  na  tachartasan  anns  an  am  so  fhein. 

Ann  an  eachdraidh,  mar  anns  a'  chruinne- 
ce  gu  leir,  chan  'eil  ni  sam  bith  a'  seasamh 
leis  fhein.  Tha  a  h-uile  ni  an  d4  chuid  'na 
thoradh  air  rud-eigin  a  chaidh  roimhe  agus 
'na  aobhar  air  rud-eigin  eile  a  lean.  Tha 
suidheachadh  an  latha  an  diugh  air  a 
fhreumhachadh  anns  na  l^ithean  a  dh'aom, 
agus  a  reir  mar  a  th^tar  ag  cur  a  nise  nithear 
buain  anns  na  bliadhnachan  ri  teachd. 

Chan  'eil  eachdraidh  idir  air  a  deanamh 


AN  DE  'S  AN  DIUGH 


suas  de  dheanadasan  righrean  is  luchd- 
cogaidh,  morachd  na  Roimhe  is  greadh- 
nachas  na  Greige,  cathan  na  h-E6rpa,  agus 
nithean  mar  sin.  Is  i  an  eachdraidh  an 
sgeul  a  tha  luaidh  air  cor  an  t-sluaigh 
chumanta  anns  gach  duthaich,  agus  gu 
sonraichte  na  sarachaidhean  a  dh'fhuiling 
iad  ann  a  bhith  ag  cosnadh  choraichean  is 
saorsa  dhaibh  fhein. 

Bu  mhath  learn,  mar  ain,  feuchainn  an 
so  ri  iomradh  a  dheanamh  air  cuid  de  na 
nithean,  a  reir  mo  bheachd-sa,  aig  am  bu 
mhotha  a  bha  buaidh  air  cor  nan  Gaidheal  ; 
agus  feuchaidh  mi  ri  nochdadh  mar  a  bha 
aon  rud  a'  treorachadh  gu  rud  eile,  ceum 
air  cheum,  gus  an  tainig  cuisean  gu  bhith 
mar  a  tha  iad  a  nis. 

Cluinnear  daoine  gu  trie  ag  radh  gur  e 
BHadhna  Thearlaich  an  garadh-criche  eadar 
a'  Ghaidhealtachd  a  bha  ann  o  shean  agus 
a'  Ghaidhealtachd  as  aithne  dhuinne.  Tha 
tomhas  de'n  fhirinn  anns  a'  bheachd  sin, 
oir  b'ann  ri  linn  Cogadh  a'  Phrionnsa  agus 
nan  nithean  a  lean  bhuaithe  a  dh'aobh- 
araicheadh  na  h-atharraichean  mora  (cuid 
dhiubh  a  chum  maith  agus  cuid  a  chum  call) 
a  bhean  cho  dluth  ri  cor  nan  Gaidheal  anns 
an  da  cheud  bhadhna  bho'n  am  sin.  Ach 
feumaidh  sinn  a  thuigsinn  gu  robh  moran 
de  na  h-atharraichean  sin  ri  tighinn  co- 
dhiubh,  oir  thainig  iad  ann  an  eachdraidh 
gach  sluaigh  san  Roinn-Eorpa  aig  am  air 
chor-eigin.  Thigeadh  iad  co-dhiubh  anns 
a'  Ghaidhealtachd,  ged  nach  biodh  aramach 
a'  Phrionnpa  idir  ann ;  agus  thigeadh  iad, 
ged  a  bhiodh  Tearlach  Ruadh  air  Blar 
Chuil-lodair  a  bhuidhinn  agus  ged  a  bhiodh 
na  Stitibhartaich  a  rithist  air  righ-chathair 
Bhreatainn.  Ach,  ged  b'eigin  do  na  h- 
atharraichean  sin  tighinn,  cha  dubhairt 
sin  gu  robh  aca  ri  tachairt  anns  an  dearbh 
dhoigh  anns  do  thachair  iad. 

Bha  dk  bhuaidh  shonraichte  aig  Blar 
Chuil-lodair  agus  na  lean  'na  dheidh  air  cor 
na  Gaidhealtachd.  Ghreas  e  caochlaidhean 
is  atharraichean  a  thachradh  co-dhiubh, 
ach  thug  e  orra  tachairt  air  mhodh  eile 
seach  an  doigh  sam  faodadh  iad  tachairt 
mur  b'e  gun  d'rinneadh  an  t-aramach  so. 
Agus,  anns  an  dara  aite,  dh'atharraich  e  an 
d^imh  a  bha  eadar  na  triathan  agus  an  tuath, 
agus  bha  buaidh  aige  cuideachd  air  spiorad 
nan  Gaidlieal. 

Is  e  mo  bheachd  fhein  gum  faod  sinn  a 
h-uile  atharrachadh  a  thainig  air  a'  Ghaidh- 
ealtachd anns  an  da  cheud  bliadhna  mu 
dheireadh  a  chur  am  beagan  fhacal  le  bhith 
ag  r^dh  so  :  gu  robh  na  Gaidheil — -a  dlaeoin 
no  dh'aindeoin — a'  sior  ihks  Gallda.  Bha 
a'    Ghaidhealtachd    a'    tighinn    nas    motha 


agus  nas  motha  fo  bhuaidh  nan  Gall.  Coma 
de  an  cuspair  air  am  beachdaich  sinn,  chi 
sinn  gu  bheil  gach  buannachd  agus  gach  call 
a  dh'fhiosraich  sluagh  na  Gaidhealtachd  air 
an  aobharachadh  leis  an  so,  gu  robh  agus  gu 
bheil  spiorad  an  t-saoghail  mh6ir  a'  sior- 
ghreimeachadh  air  na  Gaidheil. 

Bha  uair  ann  agus  bha  Alba  gu  ire  mhoir 
'na  duthaich  Ghaidhealaich,  agus  aig  an 
am  sin  bha  a'  Ghaidhlig  air  a  bruidheann 
fad  is  farsainn  eadhon  gu  criochan  Shasainn. 
Ach  ri  uine  thoisich  na  Goill  agus  na  Sasan- 
naich  air  barrachd  agus  barrachd  ^ite 
fhaotainn  dhaibh  fhein  ann  an  Albainn,  gu 
sonraichte  an  taobh  a  deas  Albann  ;  agiis 
an  sin  thainig  an  rioghachd  gu  bhith  'na  da 
leth — Gaidhealtachd  agus  Galldachd.  Bha 
na  Gaidheil  fad  iomadh  linn  air  an  dealachadh 
bho'n  chuid  eile  de  dh'Albainn.  Bha  iomadh 
ni  'gan  dealachadh  bho  cheile.  Bha  mon- 
aidhean  mora  gruamach  Dhruim-Albann 
agus  lochan  an  taoibh  siar  'gan  dealachadh. 
Bha  iad  dealaichte  'nan  canain  agus  'nan 
cleachdadh.  Agus  air  son  uine  mhoir  bha 
na  Deasaich  gu  tur  aineolach  mu  na  Tuath- 
aich,  agus  na  Tuathaich  a  cheart  cho 
aineolach  mu  na  Deasaich  ;  agus  bha 
aineolas  ag  aobharachadh  naimhdeis  agus 
aimhreit  eatorra. 

Ach  ri  tide  thoisich  an  dealachadh  eadar 
Gaidhealtachd  is  GaUdachd  ri  briseadh  sios. 
Is  iomadh  rud  a  rinn  beam  anns  a'  bhalla- 
dhealachaidh  a  bha  eadar  Tuath  is  Deas. 
Ged  a  b'e  Blar  Chuil-lodair  a'  bhe^rn  a  bu 
mhotha  a  rinneadh,  cha  b'e  sin  idir  an  aona 
bhearn.  Bha,  mar  sin,  doighean  is  clesch- 
daidhean  is  canain  nan  Gall  ag  ealadh  a 
steach  do'n  Ghaidhealtachd  uidh  air  n-uidh, 
agus  an  lorg  sin  thainig  an  da  chuid  buan- 
nachd agus  call,  agus  cha  ghabh  mise  orm 
a  radh  c6  dhiubh  a  bu  chudthromaiche,  a' 
bhuannachd  no  an  call.  ,  Bithidh  a  bharail 
fhein  aig  gach  neach. 

B'iad  na  triathan  agus  na  cinn-fheadhna 
Ghaidhealach  a  thoisich  air  fas  Gallda  an 
toiseachd.  Anns  a'  bhliadhna  1609  rinneadh 
lagh  an  Albainn  gum  feumadh  gach  duine 
uasal  Gaidhealach  a  mhac  a  bu  shine  a  chur 
do'n  sgoil  air  a'  Ghalldachd  a  chum  's  gun 
ionnsaicheadh  e  Beurla  a  labhairt  agus  a 
leughadh.  Anns  an  linn  sin — an  seachdamh 
linn  deug — mar  thoradh  air  aonadh  an  da 
rioghachd,  Alba  is  Sasann,  thoisich  na 
cinn-fheadhna  Ghaidhealach  air  dol  gu  deas 
nas  bitheanta,  agus  eadhon  gu  Lunnainn, 
agus  dh'ionnsaich  iad  doighean  is  fasana 
Shasainn,  agus  cha  b'fhada  gus  an  d'aobhar- 
aich  sin  atharraichean  'nan  doigh-beatha 
mar  thriathan  agus  'nan  giulan  am  measg 
an  tuatha  fhein. 


AN  DE  'S  AN  DIUGH 


Togaidh  mi  aon  eisimpleir  air  an  so. 
Bha  Iain  Breac  MacLeoid,  Triath  Dhun- 
bheagain,  ainmeil  mar  shar-Ghaidheal  agus 
measail  aig  a  shluagh.  Bha  MacCruimein 
aige  mar  phiobaire,  Mairi  Nighean  Alasdair 
Ruaidh  mar  a  bhana-bhard,  agus  Ruairidh 
Dall  MacMhuirich  mar  a  chlarsair  ;  agus 
'na  latha-san,  mar  ann  an  laithean  athraich- 
ean,  b'e  Caisteal  Dhun-bheagain  "  talla  nan 
cuach,  far  am  biodh  tathaich  nan  truagh 
daimheil,"  "  teach  farsaing  's  e  fial  fail- 
teach."  Ach  an  deidh  Iain  Bhric  thainig 
a  mhac,  Ruairidh  Og,  agus  gu  grad  "  chaidh 
a'  chuibhle  mu'n  cuairt,  grad  thionndaidh 
gu  fuachd  am  blaths."  Bha  latha  ur  air 
tighinn  air  Dim-bheagain,  agus  bha  doighean 
nan  Gall  a  nis  ag  gabhail  aite  seann  chleach- 
daidhean  nan  Gaidheal.  Cha  robh  feum 
tuilleadh  air  clarsair,  agus  dh'fhagadh  an 
Dim  gun  cheol  agus  gun  iomadh  rud  eile. 

Am  measg  nan  nithean  ura  a  dh'fhoghluim 
na  triathan  .Gaidhealach  'nan  tadhal  am 
measg  nan  Gall  bha  so — gu  robh  luach 
oighreachd  sam  bith  ri  bhith  air  a  thomhas, 
chan  ann  a  reir  aireamh  an  t-sluaigh  a  dh' 
araicheadh  i,  ach  a  reir  an  airgid  a  gheibhte 
aiste.  Mar  sin  thoisich  am  m^l  air  f^s  nas 
truime  air  an  tuath  ;  agus  thoisich  sin  mus 
robh  iom.radh  riamh  air  a'  Phrionnsa  Tear- 
lach.  Bha  na  triathan  Gaidhealach  beag 
air  bheag  a'  f^s  'nam  morairean  mora  Gallda. 
Agus  an  uair  a  bhriseadh  air  an  cumhachd 
agus  air  an  iighdarras  mar  chinn-fheadhna 
an  deidh  Blar  Chuil-lodau-,  chvim  iad  orra 
nas  deine  na  bha  iad  riamh  roimhe — moran 
dhiubh  co-dhiubh — a'  fasgadh  gach  sgilhnn 
a  ghabhadh  faotainn  as  an  cuid  fearainn, 
agus  iad  ceart  coma  mu'n  tuath. 

Is  e  rud  math  a  bh'ann  gun  do  chaill  na 
triathan  an  t-ughdarras  a  bha  aca  thuige 
so,  oir  fhuair  lagh  na  rioghachd  cothrom  a 
nise  air  tomhas  nas  motha  de  cheartas  a 
shuidheachadh  anns  a'  Ghaidhealtachd ; 
ach  is  e  olc  m6r  a  bha  ann  gun  do  cheadaich- 
eadh  do  na  tighearnan-fearainn  a  bhith 
deanamh  mar  a  thogradh  iad  ris  an  tuath 
agus  gu  bhith  gabhail  gach  doigh  a  thoilich- 
eadh  iad  gus  airgiod  a  thoirt  as  an  cuid 
oighreachdan.  Dh'ardaich  na  h-uachdarain 
an  toiseach  am  m^l  air  an  luchd-taca,  agus 
thug  sin  air  moran  de'n  luchd-taca  togail 
orra  thar  sail.  Ach,  air  do  phris  mhor  a 
bhith  air  ceilp,  leig  na  h-uachdarain  an  sin 
leis  an  tuath  fas  lionmhor  a  chum  's  gum 
biodh  am  pailteas  de  luchd-oibre  aca  fhein 
a  chum  a'  eheilp  a  chruinneachadh. 

An  sin,  an  uair  a  chunnacas  gum  paidheadh 
e  dhaibh  tuathanaich  an  taoibh  deas  a' 
leigeil  a  steach  do'n  Ghaidhealtachd,  dh'fhu- 
adaich  iad  an  tuath  air  falbh.     Cha  b'fhada 


an  deidh  sin  gus  an  t^inig  an  latha  anns  an 
d'fhuaradh  a  mach  gum  paidheadh  frithean- 
seilge  na  b'fhearr  na  tuathanasan-chaorach, 
agus  chaidh  na  caoraich  fhein  fhogradh  an 
tomhas  mor  agus  laigeadh  leis  na  feidh  fas 
lionmhor. 

Anns  an  am  so  fhein  anns  a  bheil  sinne 
beo,  chan  e  tuath  no  caoraich  jio  feidh  as 
fhearr  a  phaidheas  ach  obair-choille,  agus 
chi  sinn  cho  mianna  ch  agus  a  tha  uachdarain- 
fearainn  a  nise  air  na  monaidhean  a  chur 
fo  choille. 

Anns  an  linn  so  tha  beartas  eile  r'a  fhao- 
tainn  air  fonn  na  Gaidhealtachd,  ach  an 
ann  a  chum  maith  nan  Gaidheal  a-  thatar 
a'  stri  ris  ?  Tha  srian  'ga  cur  air  uisgeachan 
ar  tir  mu  thuath,  lamh  is  innleachd  an  duine 
a'  trusadh  uisgeachan  nan  lochan  agus  'gan 
cruth-atharrachadh  gu  cumhachd-dealain, 
cumhachd  an  eileactrachais.  Bheir  so,  tha 
iad  ag  gealltainn,  solus  is  blaths  is  cumhachd 
do  mhuinntir  na  Gaidhealtachd,  eadhon 
sluagh  nan  aite  an  iomallach  ;  ach  thuige 
so  tha  a'  mhor-chuid  de'n  chumhachd- 
dealain  air  a  ghiulan  sios  do  ceann-a-deas 
na  h-Albann  agus  gu  Sasann. 

Chan  'eil  mi  idir  ag  caineadh  nan  uach- 
daran-fearainn  agus  nan  daoine  aig  a  bheil 
ard-ughdarras  anns  na  cuisean  air  an  tug 
mi  iomradh.  Tha  fhios  againn  gu  robh 
feadhainn  de  na  h-uachdarain  Ghaidhealach 
a  chosg  na  bh'aca  is  iad  a'  deanamh  cobhair 
air  an  tuath.  Is  ann  a  tha  mi  a'  toirt  am 
foUais  doigh  an  t-saoghail  mhoir,  tre  am 
bheil  barrachd  speis  air  a  nochdadh  do 
dh 'airgiod  na  do  chor  an  t-sluaigh,  agus  tre 
am  bheil  cead  cho  m6r  aig  cuid  de  dhaoine 
gu  bhith  a'  deanamh  saidhbhr^is  dhaibh 
fhein,  coma  de  an  doigh  agus  coma  de 
thachras  do  chreutairean  eile.  Ann  a  bhith 
leantainn  fasanan  nan  GaU,  bha  ard-dhaoine 
nan  Gaidheal  ag  ionnsachadh  dhoighean  an 
t-saoghail  mhoir  a  tha  ag  ardachadh  oir 
is  airgid  os  cionn  leas  is  maith  an  t-sluaigh. 

Dh'fh^s  doighean-aiteachaidh  nan  Gaidheal 
Gallda  mar  an  ceudna.  An  uair  a.  thainig 
na  tuathanaich  mhora  bho'n  deas,  le'n  cuid 
chaorach  mhora  mhaola,  de  bha  sin  ach 
eisimpleir  eile  an  a'  Ghaidhealtachd  a' 
leantainn  mhodhannan  nan  Gall.  Ann  an 
seagh,  bha  deagh  bhuaidh  aig  sin  air  a' 
Ghaidhealtachd,  ach  bu  mhotha  buileach 
an  droch  bhuaidh  a  bha  aige.  Nan  ceadaich- 
eadh  uine,  dh'fhaodamaid  a  cheart  ni  a 
thoirt  am  foUais  mu'n  iasgach.  Ma  tha  na 
cladaichean  an  diugh  lorn  de  dh'iasg  seach 
mar  a  b'^bhaist,  faodaidh  e  bhith  gur  ann 
a  chionn  's  gu  bheil  doighean-iasgaich  Gallda 
air  lar  a'  chuain  a  sgriobadh. 


6 


IAIN  MAG  CORMAIG  NACH  MAIREANN 


Ach  chan  e  a  mh^in  na  triathan  no  obair- 
^iteachaidh  no  obair-iasgaich  na  GMdheal- 
tachd  a  th^inig  ceum  air  cheum  fo  bhuaidh 
nan  Gall.  Th^inig  an  sluagh  Gaidhealach 
fo'n  bhuaidh  sin  cuideachd,  agus  an  diugh 
fhein  tha  a'  Gh^idhealtachd  anns  gach 
oisinn  dith  a'  sior-fhas  nas  Gallda,  a'  Ghaidh- 
lig  a'  seargadh  as  agus  moran  de  na  seann 
chleachdaidhean  a'  dol  a  fasan. 

Is  iad  an  rathad  mor  agus  ati  sgoil  ann  an 
tomhas  mor  a  tha  r'an  coireachadh  air  son 
so.  Anns  an  ochdamn  linn  deug  rinneadh 
na  rathaidean  mora  an  toiseach  a  chum  's 
guin  biodh  e  na  b'fhasa  do'n  Riaghaltas  rian 
a  chumail^ir  a'  Ghaidhealtachd .  Ach  chaa 
e  mhain  laghan  tu"a  agus  dghd arras  Ard- 
riaghladh  Bhreatainn  a  mharcaich  a  steach 
air  na  rathaidean  lira  sin.  Thainig  mar 
an  ceudna  fasanan  an  taoibh  d3as,  agus  cha 
b'fhada  cuideachd  gus  an  robh  na  rathaidean 
sin  trang  le  G^idheil  a'  togail  orra  gu  iomall 
na  talmhainn  a  shireadh  am  fortain  no  a 
dh'fhaotainn  na  saorsa  nach  fhaigheadh  iad 
'nan    dtithaich   fbein. 

Bha  buaidh  mar  sin  aig  an  sgoil  orra 
cuideachd.  Ged  is  coir  moladh  a  dieanamh 
air  na  meadhonan  tre  an  do  mheudaicheadh 
foghlum  anns  a'  Ghaidhealtachd,  agus  a 
bhith  cuimhneachadh  le  urram  orra-san 
a  bha  dileas  anns  a'  chuis  so,  bha  taobli  eile 
air  a'  ghnothach.  Fhuair  oigridh  na  Gaidh- 
ealtachd  eolas  a  dbtiisg  iarrtas  air  an  tuilleadh 
eolais,  agus  mar  bu  mhotha  a  bha  a'  tadhal 
nan  colaisdean  is  ann  bu  lugha  a  bhe  dconach 
fuireach  anns  na  glinn  agus  anns  na  h- 
eileanan.  Gle  thric  bha  e  air  a  theagasg 
dhaibh  san  sgoil  nach  b'fhiach  ach  an  t- 
oileanachadh  Beurla ;  agus  dh'fhdghluim 
morah  dhiubh  t^ir  a  dheanamh  air  pn 
c^nain  agus  an  libreaebas  fhein,     Chan  'eil 


chc  fada  idn  o'n  bha  an  canam  fhem  au  a 
toirmeasg  dhaibh  taobh  a  stign  de  gn^radh 
n&  sgoile. 

Dh'athirraich  Bliadhna  Thearlaich  an 
d^imh  eadar  na  triathan  agus  an  tuath  ; 
dh'fhosgail  an  rathad  mor  slighe  a  steach 
do'n  Ghaidhealtachd  do  na  nosan  Gallda 
agus  slighe  a  mach  do  na  Gaidheil.  An  uair 
a  fhuaradh  14mh-an-uachdair  air  a'  bhric 
agus  galairean  eile  a  bha  sgrios  an  t-sluaigh 
o  shean,  agus  an  uair  a  thugadh  a  steach 
am  bunt^ta  mar  bhiadh  a  bha  math  agus 
pailt,  shiolaich  na  Gaidheil  agus  dh'fhas  iad 
lionmhor,  agus  chuidich  malairt  a'  chruidh 
dhuibh  agus  na  ceilpe  leotha.  Ach  an 
sin  thainig  na  caoraich  mhora  ;  ghrod  am 
bunt^ta  ;  dh'eirich  gainne  is  gort ;  rinneadh 
foirneart  air  an  t-sluagh,  lionadh  na  bataich- 
ean  le  eilthirioh,  dh'fh^saicheadh  na  glinn  ; 
agus  dh'fhagadh  againn  Gaidhealtachd  an 
latha  an  diugh  le  corr  is  ceud  mile  pearsa 
nas  lugha  na  bha  innte  ceud  bliadhna  air 
ais,  agus  an  ^ireamh  a  tha  innte  an  diugh 
a'  seargadh  as. 

Cha  dubhairt  sin  gu  bheil  truaighe  agus 
doruinn  anns  a'  Ghaidhealtachd.  Chithear 
barrachd  eigin  ann  an  seachdain  an  Glaschu. 
na  chithear  ann  an  deich  bliadhna  sa' 
Ghaidhealtachd.  Ann  am  moran  dhoighean 
tha  G^idheU  an  latha  an  diugh  fada  nas 
fhearr  dheth  na  bha  an  sinnsearan.  Ach  ma 
tha  coraichean  is  ceartas  is  leasachadh  aig 
Gaidheil  an  latha  an  diugh,  tha  iad  aca 
mar  thoradh  air  an  t-sabaid  a  rinn  an 
athraichean  ;  cha  b'ann  gun  spairn  chruaidh 
a  chosnadh  iad.  Agus  ma  tha  tuilleadh 
adhartais  ri  tighinn,  is  eigin  duinn  fhein 
oibreachadh  air  a  shon.  Chan  fhaigh  sinn 
mur  iarr  sin  ;  agus  cha  sealbhaich  sinn  mur 
saothraich  sinn. 


Iain  MacCormaig  nach  maireann 

Le  a  sheana  charaid,   Colla  Ddmhnullach. 


CHA  b'e  ministear  agus  cha  b'e  foirbheaeh 
a  bh'ann  an  Iain  Mac  Cormaig  ach  duine 
citiin  c^irdeil  caomh  a  thug  e  fein  suas  o 
oige  do  bheul-aithris  agus  litreachas  a 
dhtithcha.  Cha  robh  a  shaothair  gun  toradh 
agus  dh'  fhag  e  'n  a  dheidh  eachdraidh, 
ursgeulan,  b^rdachd,  agus  dealbh-chluiche. 
Is  e  Muileach  a  bha  ann  an  Iain  Mac  Cormaig. 
Thogadh  e  ann  an  Fionnphort  ri  taobh 
caol  Ithe.  Ri  oige  bha  obair  agus  cosnadh 
aig  an  Tor-mh6r.  Bha  granit  dearg  boidh- 
each  'ga  sg^ineadh  agus  'g  a  sgoltadh,  agus 
is  e  granit  an  Tor-mh6ir  a  tha  ann  an  dealbh- 


snaidhte  ceile  ban-righ  Victoria  ann  an 
Lunnainn. 

Thog  Iain  sgoil  gun  dragh  ann  an  sgoil 
Chreich  far  an  robh  maighstir-sgoile  math, 
Maighstir  Camshron. 

Chuir  athair  Iain  do  oil-thigh  Ghlaschu, 
ach  gu  mi-fhortanach  stad  obair  agus 
cosnadh  an  Tor-mh6ir,  agus  cha  robh 
comhnadh  airgid  air  son  fdghlumaiche  6g 
geur-inntinneach  saibhir  anns  na  IMthean  ud, 
agus  thionndaidh  Iain  gu  obair  eile.  Ann 
an  cuideachd  agus  ann  an  cdmhradh 
"  Fhinn "    (Henry    Whyte)    agus    Chalum 


MI  FHEIN  AGUS  NA  H-BOIN 


7- 


Mhic  Pharlain  dh'  oileanaich  Iain  e  fein, 
agus  fo'n  ainm  "  Fraoch  "  thoisich  e  air 
sgriobhadh. 

Thuit  rosg  agus  rannan  fo  pheann.  Bha 
beul-aithris  agus  seann  eachdraidh  Mhuile 
'n  a  chluasan  bho  oige.  Sgriobh  e  each- 
draidh Mhuile  ann  am  Beurla  agus  mheud- 
aich  an  leabhar  so  a  chhu.  Cha  do  leig 
e  le  pheann  ruith  leis.  Chaidh  gach  sgeul 
a  sgrudadh  gu  curamach  agus  gun  iighdaras 
cha  deachaidh  facal  ann  an  clo. 

Thainig  an  sin  a'  cheud  ursgeul  ann  an 
Gaidhhg — "  Gu'n  d'thug  mi  gaol  do'n 
armunn."  Choisinn  an  leabhar  so  aite  air 
leth  dha.  Bha  a'  Ghaidhlig  cho  reachdmhor 
reidh,  dhearbh  e  gu'm  bheil  againn,  fo  laimh 
maighstir,  'n  ar  canain  fhein  inneal  freagar- 
rach   lir  gach  gne  litreachais. 

Thug  Moid  a'  Chomuinn  Ghaidhealaich 
cothrom  do  Mhac  Cormaig  a  sgil  a  dhear- 
bhadh  ann  an  comh-fharpais,  agus  sgriobh 


e  sgeulachdan,  oreaidean,  deilbh-chluiche 
agus  bardachd  a  choisinn  gach  priomh 
dhuais  a  bha  fosgailte  dha.  Bu  mhath  a 
sgriobhadh  Niall  Ross,  Aonghas  Mac 
Dhonnachaidh,  Iain  Mac  Leoid  agus  beagan 
eile  Gaidhlig,  ach  ann  an  gnaths  cainnte, 
grinneas,  agus  saibhreas,  bha  Iain  Mac 
Cormaig  de'n  chuideachd.  Mar  sheanach- 
aidh  cha  tugadh  aon  b^rr  air,  agus  ged 
ghabhadh  e  fein  gu  h-iriseal  kite  air  ctil- 
thaobh  Aonghais  'Ic  Dhonnachaidh  agus 
Iain  'Ic  F^idean,  bha  esan  cuideachd  airidh 
air  cleoca  a'  bh^ird  mu  ghualainn. 

Bha  f^iteas  ann  am  Mac  Cormaig.  Chan 
fhaca  agus  cha  chuala  mi  e  riamh  air  clar- 
uachdar  tirlair,  ach  'n  a  thigh  fein  bu  togar- 
rach  agus  bu  torach  oidhche  air  cheilidh 
leis.  Bithidh  ionndrainn  air  Iain  Mac 
Cormaig.  Bha  e  cho  glan  'n  a  chainnt  agus 
'n  a  ghniomh  ris  a'  ghaoth  anns  a'  Ghleann 
mhor  Mhuileach. 


Mi  fhein  agus  na  h-eoin 

An  t-Ollamh  Colla  Domhnullach 


AN  deidh  geamhradh  fada  fuar  agus  earrach 
greannach  tioram  bha  fadal  cianail  orm 
gus  an  cluinninn  a'  chuthag. 

Bha  am  por  's  an  talamh  aig  an  am 
ghnathaichte  agus  an  t-sobhrach  bhuidhe 
bhoidheach  gu  diuid  ann  am  fasgadh  nam 
bruach.  Bha  na  h-uain  a'  mireadh  fo 
thom  gu  tom  mar  gu'n  robh  iad  a'  deanamh 
deas  air  son  reis  nan  ciobairean  aig  p^irce 
nan  saighdearan.  Bu  bheag  an  duil  gu'n 
robh  am  feoladair  air  an  lorg.  Bha  an 
smeorach  agus  an  lon-dubh  agus  fear  beag 
a'  bhroillich  dheirg  a'  ceilearadh  mar  a 
b'abhaist,  ach  tha  leam  nach  robh  an  orain 
cho  binn,  agus  cha  robh  'n  an  duan  ach  aon 
cheathramh. 

Chunnaic  mi  na  geoidh  ghlasa  a'  seoladh 
ard  le  guileag  sunndach  agus  gach  gob  ris 
an  airde  tuath.  Chuala  iadsan  guth  'g 
an  gairm  anns  na  lochain  luachrach  anns 
na  h-Innsibh,  agus  gun  chombaist, 
gun  chairt-iuil  sheol  iad  thar  muir 
agus  monadh,.  ach  ged  a  tharruing  an 
cuinnein-sa  faileadh  an  t-samhraidh  is  beag 
de  choltas  is  leir  dhomhsa.  Air  ceud  la  tha 
mios  a'  cheitinn  sheid  gaoth  mhaoth  bhlath 
o'n  iar  agus  anns  an  fheasgar  chuala  mo 
chluas  sgreach  trean-ri-trean  ann  an  acha 
beag  aig  clais-an-deoir. 

Cha  robh  de  chinneas  anns  an  fheur  na 
dh'  fhalaicheadh  i  o  shhil  bhiorach,  ach 
le  gleadhar  farumach  bha  i  a'  cur  failt'  air 
an  t-samhradh.  Rinn  mo  chridhe  gaird- 
eachas  ris  an  eun  shitheil  so  agus  thug  mi 


orm  fein  a  chreidsimi  gu'm  bu  taitneach 
fuaim  a  cinn. 

Is  ann  agamsa  a  bha  sgeul  iir  annasach 
an  oidhche  ud,  agus  mi  ag  radh  ri  'm  cheile — 
"  eisd  ri  trean-ri-trean." 

"  Failte  ort  eoin,"  ars  ise,  "  nach  tu  a 
tha  tapaidh.  Chaidh  a'  chuthag  air  seachran 
agus  tha  an  gobhlan-gaoithe  mall  ged  a  tha 
a  sgiathan  cho  fada  laidir  ri  ramh  bata 
meirlich   a'   bhradain. 

Mhol  sinn  an  t-eun  agus  ghuidh  sinn  Ion 
saibhir  dha  agus  feur  fada  'g  a  dhion.  Ach 
ma  mhol,  bu  trath  a  thainig  an  t-aithreachas. 
Chuala  mi  a'  chuthag  's  a'  mhaduinn  agus 
mar  fhior  theachdaire  an  t-samhraidh 
chliuthaich  mi  am  Freasdal  a  stidir  i  aon 
uair  eile  do'n  choille  bheithe. 

Cha  bu  lugha  a  rinn  nai  a  beatha  le  durachd 
gu'n  robh  greim  'n  am  bhroinn  an  uair  a 
chuala  mi  i.  Tha  ciall  agus  measarrachd 
aig  a'  chuthag  mar  gu'n  robh  fhios  aice 
nach  'eil  innt'  ach  piobaire  an  aon  phuirt. 
Bheir  i  gug-gug  aisde  an  drasda  agus  a 
rithist  agus  an  sin  bithidh  i  samhach.  Ach 
an  trean !  Is  fhearr  leatha  an  oidhche  na 
latha.  Is  sona  am  fear  air  an  tuit  cadal 
trath  agus  trom.  Bha  am  bliadhna  comh-fh- 
arpuis  eadar  trean  a'  bhaile  iochdar  agus 
trean  a'  bhaile  uachdar.  Thoisich  iad  air 
gleusadh  an  ribbeid  thiicanach  mar  a  ghleusas 
ceaird  dois  na  piob-mhoir. 

Ghabh  eoin  na  criosdachd  uile  mu  thamh. 
Ach  ma  bha  iadsan  mar  a  bha  mise  bu  neo- 


8 


SIOLAGAN 


shocrach  an  leaba.  Bha  an  oidhche  oillteil 
le  sgreuch  agus  le  sgread.  Bu  luaineach 
mo  charadh  agus  na  h-eoin  gun  naire  a'  cur 
nan  smtiid  dhiubh.  Mhort  iad  mo  chadal. 
Is  iomadh  oidhche  's  an  6g-mhios  a  dh'eisd 
mi  le  tlaichd  ri  coisir  bhinn  nan  riabhagan. 
B'  e  sin  an  solas  inntinn  ach  cha  b'  fhearr 
gaoir  nan  trean  na  tathunn  chon  mu 
thimchioll  faing.  Uair  an  deidh  uair  lean 
an  rkcail.  Cha  mhor  nach  d'thug  iad  mo 
chiall  bhuam.  Leum  mi  air  an  urlar  agus 
ghlaoidh  mi  thar  na  h-aimhne  riu — "  tha 
mi  a'  toirt  duais  na  comhfharpuis  do'n  te 
iochdrach  :  is  binne  ceol  ria  coisir  an  Obain. 
Bi  thusa  samhach  agus  f^saidh  an  te  uach- 
drach  sgith."  Cha  do  chuir  moladh  stad 
orra  agus  dh'  fheuch  mi  diomoladh. 

"  Ma's  ceol  ur  gleadhraich,  foghnaidh 
sin,"  arsa  mise.  Bu  choma  leo  moladh 
no    caineadh.     Cha    robh     ceannach    orra, 


agus  cha  robh  cadal  dhomhsa.  Ann  am 
briseadh  an  latha  thoisich  na  h-eoin  bheaga 
air  seinn  an  laoidh  maidne  agus  thuit  mi 
ann  ,an  cadal  trom.  Mo  mhile  mallachd 
air  trean -ri-trean !  b'  fhasa  learn  cadal 
air  faiche  Fhrangach  agus  gunnacha  mora 
na  namhaid  a'  frasadh  am  peilearan  nimheil 
oirnn. 

Tha  an  samhradh  a  nis  sea  chad  agus  tha 
na  h-eoin  uile  balbh.  Chan  'eil  cuthag  no 
trean  ri  chluinntinn,  no  gobhlan-gaoithe 
ri  fhaicinn.  Turus  math  dhaibh  uile,  agus 
tilleadh  sl^n  do'n  chuthag,  ach  cha  d'thug 
mi   maitheanas   fhathast   do'n   trean. 

An  deigh  sin  agus  air  fad;  is  maith  a  tha 
fios  agam  gu'n  dean  mi  gairdeachas  am 
bliadhna  fhathast  an  uair  a  chluinneas  mi  a 
guth  garbh  a  rithisd.  Chan  'eil  maith  gun 
olc  agus  cha  tig  an  samhradh  gus  an  goir 
an  trean-ri-trean. 


Siolagan 


IS  minic,  an  uair  a  bhios  neach  a  leughadh 
a'  Bhiobuill,  a  leumas  earrann  ri  aire  agus 
greimichidh  i  air  an  inntinn.  'S  docha  gur 
iomadh  uair  a  leugh  sinn  an  dearbh  earrann 
sin  roimhe,  ach  an  troth  so  sheas  i  mach 
mar  ann  an  solus  ilr.  Is  glic  earrannan  mar 
mar  sin  a  sgriobhadh  sios  an  leabhran  beag. 
Mar  sin,  cruinnichidh  tu  ri  tide  am  paUteas 
de  shiolagan  as  am  fas  iomadh  smuain 
feumail.  Is  maith  do'n  t-searmonaiche  aig 
am  bi  leabhran  l^n  de  na  siolagan  a  chruin- 
nich  6  fhein  san  doigh  sin,  oir  mar  sin  bheir 
e  mach  as  ionmhas  nithean  nuadha  agus  sean 
{Mata  xiii.  52),  agus  chan  ann  falamh  a 
sheasas  e  anns  a'  chubaid. 

Is  mor  an  cuideachadh  a  gheibhear  bho 
bhith  leughadh  caibideil  ann  am  barrachd  is 
aon  chanain  agus  ann  am  barrachd  is  aon 
eadar-theangachadh.  Is  mor  an  t-sochair 
dhaibh-san  a  leughas  G^idhHg  is  Beurla  gur 
urrainn  dhaibh  am  Biobull  a  leughadh  ann 
an  da  chanain.  Gle  thric  chit  hear  ni  nas 
soilleire  le  bhith  coimeas  an  da  eadar- 
theangachadh  Ti  cheile.  Agus,  mar  i  n 
ceudna,  tha  aireamh  de  eadar-theangach- 
aidhean  air  a'  Bhiobull  Bheurla  fhein,  mar 
a  tha  "Am  Biobull  Ath-cheartaichte  " 
{Revised  Version),  an  t-eadar-theangachadh 
a  rinn  Seumas  Moffatt,  an  Tiomnadh  Nuadh 
bho  14imh  Weymouth,  agus  Aireamh  eile. 
Anns  na  beagan  bhliadhnachan  mu  dheireadh 
chuireadh  a  mach  ceithir-  eadar-theangach- 
aidhean  ura  ;  eadar-theangachadh  le  sgoil- 
earan  Americanach  air  an  Tiomnadh  Nuadh 
(American  Revised  Version),  an  Tiomnadh 
Nuadh  an  Gekrr-Bheurla  shimplidh  [New 
Testament  in  Basic  English),  an  Tionanadh 


Nuadh  air  eadar-theangachadh  le  RaonuU 
Kjiox,  agus  am  Biobull  air  eadar-theangach- 
adh le  Powis  Smith  is  Goodspeed  (da  sgoilear 
Americanach).  Cha  ruig  neach  sam  bith 
a  leas  an  diugh  a  bhith  gearan  nach  urrainn 
dha  am  Biobull  Beurla  anns  an  eadar 
theangachadh  ghnathaichte  ( Authorised  Ver- 
siln)  a  thuigsinn.  Faigheadh  e  aon  no 
dh^  de  na  h-eadar-theangachaidhean  a 
dh'ainmich  mi,  agus  cuiridh  iad  solus  ur 
dha  air  iomadh  ni  a  bha  dorcha; 

So,  mata,  dioghlum  de  earrannan  a  leum 
ri  m'aire  fhein  o  chionn  ghoirid,  agus  tha 
mi  'gan  cur  sios  an  so  an  dochas  gun  cnua- 
saich  cuid-eigin  orra  agus  gum  bi  iad  dha 
'nan  soluis  ina. 

Breith  xviii.  24— "  Thubhairt  esan,  Mo 
dhiathan  a  rinn  mi  thug  sibh  leibh  .  .  .  agus 
ciod  a  th'agamsa  tuilleadh  ?  " 

Tha  so  gu  trie  a'  tachairt.  Daoine  a' 
deanamh  dhiathan  dhaibh  fhein,  ag  aoradh 
do  na  nithean  a  chruthaich  an  lamhan  fhein. 
Ach  tha  na  diathan  a  chruthaich  sinn  fhein 
air  an  toirt  air  falbh,  's  tha  sinn  air  ar  f^gail 
falamh.  Tha  an  duine  air  a  dheanamh  air 
a  leithid  de  dhoigh  's  gu  feum  e  Dia  air 
chor-eigin  a  bhith  aige  anns  an  cuir  e  a 
thlachd.  Mur  'eil  aithne  air  an  Dia  bheo 
agus  fhior,  ni  e  diathan  beaga  breuga  dha 
fhein  ;  nach  lionmhor  na  diathan  beaga  d'am 
bheU  daoine  ag  aoradh  an  diugh.  Ach 
falbhaidh  na  diathan  sin,  sgriosar  iad  ; 
agus  gu  de  a  tha  air  fhagail  ach  falamhachd 
mhor.  Is  beannaichte  iadsan  a  Honas  an 
fhalamhachd  sin  le  lathaireachd  an  De 
bheo. 

(Ri  leantuinn). 


Aireamh  5 


1947 


An  Uair 


(Searmon  Comanachaidh) 

Leis  an  Urr.  Calum  MacLedid,  M.A.,  Nach  Maireann. 

"  Athair,  thainig  an  uair  ;    gloraich  do  Mhac,  chum  gun  gldraich  do  Mhac  ihusa 
mar  an  ceudna." — Edin  xvii.  1. 


THA  an  Searmonaiche  ag  radh :  "  Aig 
gach  ni  tha  trath,  agus  am  aig  gach  run  fo 
neamh."  Tha  uair  araidh  aig  gach  ni, 
am  anns  a  bheil  gach  ni  'na  aite  fein,  agus 
aig  a  bheil  gach  ni  aig  4irde  's  aig  Ian  inbhe. 
Tha  uair  ann  aig  a  bheil  gach  luibh  a  tha 
fas  as  an  talamh  aig  inbhe.  An  deidh  sin 
's  ann  a  bhios  i  a'  seargadh  agus  a'  dol  as. 
Tha  uair  aig  a'  ghealaich  gu  bhith  l^n ; 
an  deidh  sin  's  ann  a  bhios  i  a'  dol  as  an 
t-sealladh.  Tha  uair  ann  aig  am  bi  an 
duine  aig  ard-inbhe  agus  neart,  ach  an 
deidh  sin  is  ann  a  bhios  e  fas  lag  am  bodhaig 
's  an  inntinn. 

"  Athair,  thainig  an  uair  ''  ;  an  uair  anns 
an  robh  gach  ni  aig  airde  gu  bhith  glorachadh 
an  Athar  ;  an  uair  anns  am  biodh  gach  ni 
air  a  choimhlionadh  air  son  an  tainig  Esan 
a  chum  an  t-saoghail.  Bha  gach  ni  abaich  ; 
bha  airde  an  lain  ann  ;  bha  an  uair  air  a 
thighinn— an  uair  uamhasach  agus  iongh- 
antach  a  dh'ionnsaigh  an  robh  gach  ni  ag 
oibreachadh  bho  chruthaicheadh  an  saoghal  ; 
an  uair  a  b'uamhasaiche  agus  a  b'eagalaiche 
a  bha  no  a  bhitheas  air  thalamh.  Bha, 
ma  tha,  nithean  mora  agus  ionghantach 
air  am  fUleadh  a  steach  san  uair  so.  Beach- 
daichidh  sinn  air  cuid  de  na  nithean  so, 
fa  chomhair  Bord  Comanachaidh. 

I.  An  toiseach,  bha  uair  an  Namhaid  ann. 

Bha  uair  ann  anns  am  biodh  an  Namhaid 
agus  cumhachd  an  dorchadais  aig  aird  an 
neirt.  B'i  so  i !  Bha  an  Namhaid  agus  a 
chumhachdan  a'  fas  agus  a'  fas  ann  an 
neart  agus  ann  an  aingidheachd  gus  a  nis 
nach  b'urratnn  dha  a  dhol  na  b'fhaide. 
So  an  uair  ris  an  robh  Slanuighear  nam 
buadh  a'  feitheamh.  Cha  bhiodh  aig  an 
Namhaid  ri  radh  anns  a'  chath  mhor  a 
bhathas  a'  dol  a  chur  nach  d'fhuair  e  Cothrom 
na  Feinne  agus  Ian  cheartas.  Thainig  an 
uair.  Tha  cumhachd  an  dorchadais  aig 
a  h-kirde.     A  reir  a'  cheartais,  so  an  uair. 


Tha  so,  ma  tha,  air  fhilleadh  a  steach  san 
uair  mhoir  agus  eagalaich  a  bh'ann — uair 
an  Namhaid,  uair  airde  a  chumhachd  agus 
morachd  a  neirt. 


II.  Bha  rud  eile  air  fhilleadh  a  steach  san 
uair  agus  b'e  so  e  :  coimhlionadh  obair 
Chriosd  air  thalamh. 

Chriochnaich  e  an  obair  a  thug  an  t- 
Athair  dha  r'a  dheanamh  ;  thainig  an  uair 
anns  a  bheil  an  obair  a  nis  criochnaichte. 
Seall,  ma  tha,  mar  a  chuir  e  an  obair  so  air 
adhairt,  agus  mar  a  thug  e  gu  crich  i. 

An  toiseach,  le  a  theagasg.  Chuir  e  an 
ceill  briathran  na  beatha  maireannaich. 
Theagaisg  e  do  dhaoine  's  do'n  t-saoghal 
gne  is  nadur  Dhe  an  t -Athair.  Chuir  e 
an  ceill,  am  briathran  beo  agus  siorraidh, 
na  bha  feumail  do  na  h-uile  dhaoine.  Chuir 
e  smuaintean  Dhe  a  thaobh  dhaoine  ann  am 
briathran  simplidh,  fior,  agus  fallain.  Cha 
robh  ni  a  bha  feumail  chum  slainte  shiorraidh 
nach  do  theagaisg  e  do  dhaoine.  Thainig 
an  uair  anns  a  bheil  teagasg  Dhe  gu  tur  is 
gu  h-iomlan  air  a  thoirt  seachad  do'n  t- 
saoghal — uair  coimhlionaidh  a  theagaisg. 

Tha  ni  eile  anns  an  do  choimhlion  e  an 
obair  mhor  ud  ;  's  e  sin  le  ghiillan  agus 
le  chaithe- beatha.  Chaidh  e  mach  's  a 
steach  am  measg  dhaoine  mar  nach  deach 
neach  sam  bith  eile.  Nochd  e  'na  ghiiilan 
laithreachd  is  maise  Dhe.  "  Rinneadh  am 
Facal  'na  fheoil  agus  ghabh  e  comhnaidh 
'nar  measg-ne,  agus  chunnaic  sinn  a  ghloir 
mar  ghloir  aon-ghin  Mic  an  Athar,  Ikn  gr^is 
agus  firinn."  'Na  ghiulan  bha  e  coimh- 
lionta  ;  'na  chaithe -beatha  bha  e  iomlan. 
Thainig  an  uair  anns  an  robh  obair-san 
criochnaichte  a  thaobh  a  chaithe -beatha  's 
a  ghiulan  air  thalamh. 

Agus  cuimhnich  air  a  dheanadasan  ;  mar 
a  chaidh  e  mach  's  a  steach  a'  deanamh 


AN    UAIR 


maith  ;  mar  a  leighis  e  a'  mhuinntir  a  bha 
euslan  ';  roar  a  shlanaieh  e  luchd  an  tinneis  ; 
mar  a  thug  e  comas  imeachd  do  na  bacaich 
agus  glaine  do  na  lobhair  ;  mar  a  thug  e 
solas  dhaibh-san  a  bha  ri  bron  agus  aoibhneas 
dhaibh-san  a  bha  fo  dhiobhail  misnich. 
Thainig  an  uair  anns  an  robh  a  dheanadasan 
air  an  coimhhonadh. 

Agus,  a  ris,  tha  obair-san  criochnaichte 
tre  a  mhiorbhuilean.  Is  iomadh  miorbhuile 
a  rinn  e.  Cha  robh  ni  sam  bith  eu-comasach 
dha.  Nochd  e  cumhachd  Dhe  agus  gradh 
an  Athar  tre  a  mhiorbhuilean.  Cha  robh 
doigh  anns  nach  do  chriochnaich  e  a  obair. 
Thainig  an  uair,  uair  coimhlionadh  obair 
air  thalamh. 


III.  Ach  tha  ni  eile  air  fhilleadh  a  steach 
anns  an  uair  uamhasaich  a  bha  so  : 
is  e  sin,  coimhlionadh  a  bhais. 

Is  ann  a  chum  na  criche  so  a  thainig  e 
do'n  t-saoghal — ^gus  am  hks  fhulang  air 
son  pheacach.  Uair  b^is  Dhe !  Uair  a' 
chath  mhoir !  An  uair  anns  a  bheil  e  ag 
giiilan  uile  pheacaidhean  dhaoine  ;  an  uair 
anns  an  do  rinneadh  esan  do  nach  b'aithne 
peacadh  'na  iobairt-pheacaidh  air  ar  Son- 
ne ;  uair  reubadh  feola  Mhic  Dhe  agus 
dortadh  na  fola  neo-chiontaich  agus  briithadh 
an  Spioraid  ionraic  is  naoimh  ;  uair  airde 
cumhachd  an  dorchadais,  agus  peacaidhean 
a'  chinne-daonna  a'  laighe  air  aon  Mhae 
Dhe.  An  uair  a  b'uamhasaiche  a  bha  no 
a  bhitheas  air  thalamh.  Agus  bu  cho 
uamhasach  an  uair  's  an  sealladh  agus  gun 
do  thionndaidh  an  t-Athair  fein  air  falbh 
a  ghndis  leis  nach  b'urrainn  dha  a  bhith  ag 
amharc  air  fulangasan  Mac  a  ghr^idh. 

A  charaid  agus  a  bhana-charaid,  agus  so 
uile  air  mo  shon-sa  's  air  do  shon-sa !  An 
dubhairt  Iain  MacGhille-bhra  san  laoidh  : 

"  Faic  na  saighdearan  briiideil, 

'S  iad  gun  suim  dheth,  'ga  rusgadh  gu 
lar  ; 
Faic  ri  crann  e  'ga  sgiixrsadh, 

'S  iad  gu  naimhdeil  'ga  dhiiitadh  le  tair. 
Seall  an  fheoU  'na  trom  lotan, 

'S    i    air    bocadh    'na    tosgaibh    bho'n 
chn^imh  : 

Cuim'  nach  cianail  leat  osnaich  ? 
'S    e    do    ghniomh-s'    thug    an 
goirteas   ud   dha." 

Uair  coimhlionaidh  a  bh^is — b4s  maslach 
a'  chroinn-cheusaidh.  An  uair  anns  an 
d^huiling   q  air  ar  son-ne  ;    uair  f ulangas 


Mhic    Dhe    air    son    pheacach    caillte.     An 
duirt  Dughall  Bochannan  diadhaidh  : 

"  'S  e  f ulangas  mo  Shlanuigheir 
A  bhios  mo  dhan  a'  luaidh  ; 
Mor  irioslachd  an  ard-Righ  sin 
'Na  bhreith  's  'na  bhas  ro  chruaidh  ; 
'S  e  'n  t-iongaintas  bu  mhiorbhuilich 
Chaidh  innse  riamh  do  shluagh. 
An  Dia  bha  ann  o  shiorraidheachd 
Bhith  fas  'na  chiochran  truagh." 

Bha   so,   ma  tha,   air  fhilleadh  a  steach 
san  uair  uamhasaich  a  bh'ann. 


IV.  Ach  bha  tuUleadh  innte — san  uair  so  : 
bha  coimhlionadh  miann  an  Athar  a 
thaobh   a   shluaigh    innte. 

B'e  so  an  uair  anns  am  biodh  sluagh  Dhe 
air  an  deanamh  reidh  ris  an  Athair  neamh- 
aidh.  Bha  fadachd  air  an  Athair  gus  an 
tigeadh  an  uair  anns  am  biodh  e  comasach 
do  dhaoine  caillte  bhith  reidh  ris  fhein  ;  anns 
am  biodh  slighe  air  fhosgladh  a  steach 
do'n  ionad  as  ro  naomh  do  a  chlainn  chaillte 
fhein.  Seadh,  an  uair  anns  am  robh  ceartas 
Dhe  air  a  riarachadh  agus  miann  an  Athar 
air  a  choimhlionadh,  a  thaobh  dhaoine  a 
bhith  reidh  ris-san  agus  esan  riii-san. 

Bha  fadachd  air  an  Athair  gus  am  biodh 
e  comasach  do  dhaoine  bhith  air  an  glanadh 
bho  am  peacaidhean  's  bho  an  truaillidh- 
eachdan.  So  an  uair  anns  am  biodh  miann 
so  an  Athar  air  a  choimhlionadh,  anns  am 
biodh  peacaidhean  a'  chinne-daonna  air 
an  toirt  air  falbh. 

Agus,  ouideachd,  bha  daoine  a'  dol  aog 
a  chion  biadh  is  beathachadh.  So  an  uair 
ris  an  robh  an  t-Athair  ag  amharc,  nuair  a 
bhiodh  a  chlann  air  an  Ian  bheathachadh 
le  aran  na  beatha.  B'e  an  uair  i !  Is 
iomadh  rud  a  bha  air  fhilleadh  a  steach 
innte. 

Agus  b'e  uair  toirt  buaidh  air  an  namhaid 
dheireannaeh,  am  bas,  i.  Tre  a  bhas-san 
thug  e  buaidh  air  an  uaigh  's  air  a'  bhas. 
So  an  uair  anns  an  robh  esan  a'  dol  a  ghlo- 
rachadh  an  Athar,  le  bhith  nochdadh  gum 
b'e  gaisgeach  treun  nam  buadh  e.  Bha  am 
Mac  gu  bhith  air  a  ghlorachadh  le  bhith 
deanamh  's  a'  fulang  nan  nithean  so,  agus 
bha  an  t-Athair  gu  bhith  air  a  ghlorachadh 
leis  a'  Mhac  a  bhith  toirt  moran  mhac  gu 
gloire.  Agus  b'e  so  an  uair  air  son  sin — 
uair  uamhasach  agus  iongantach. 

Thainig  an  uair,  agus  tha  i  nise  crioch- 
naichte.    So,  a  chairdeanj  brigh  Bord  Coma- 


AM  FASGADH 


nachaidh.  "  Deanaibh  so  mar  chuimh- 
neachan  ormsa."  Tre  shamhlaichean  a' 
chuirp  a  chaidh  a  bhriseadh  agus  na  fola 
a  chaidh  a  dhoirteadh,  theid  sinn,  san 
spiorad  agus  tre  chreideamh,  a  steach  do 
theis-meadhon  na  h-uarach  uamhasaich  is 
ghlormhoir  a  tha  so,  a  chum  's  gum  bi  simi 
'nar  gloir  do'n  Mhac  agus  'nar  solas  do'n 
Athair,  ag  cumail  cuimbne  air  a'  Ghradh 
Shiorraidh  a  rinn  an  uair  so,  gus  an  tig  e. 


"  'S  airidh  Mac  Dhe  air  geill  is  urram, 
'S  e  fein  a  dh'fhixiling  am  bas  ; 
'S  e  chunnaic  ar  feum  's  ar  n-eigin  uile, 

'S  leis  fein  bu  duilich  ar  cas  ; 
'S  ann  ghmlain  e  fein  gu  leir  na  buillean 

O'n  dh'eirich  dhuinne  bhith.  sl^n  ; 
'S  tha  a  lotan  's  a  chreuchdan  'g  eigheach 
uile, 
Gach  creutair  urram  thoirt  dha." 


Amen  agus  Amen. 


Am  Fasgadh 


Leis  an  Urramach  Aonghus  Mac-a-Bhiocair,  M.A. 


losa  thug  do  m'anam  gradh, 
Teichidh  mi  gu  d'ionnsaidh  fein 
'N  uair  tha  uisgean  brath  mo  bhath', 
'N  uair  tha'n  doinnean  dobhaidh  breun, 

SIN  agaibh  a  chiad  earrann  de'n  laoidh  a 
dh'ionnsaidh  am  bheil  mi  a'  dol  a  tharruing 
'ur  n-aire.  Chaidh  a  sgriobhadh  le  Tearlach 
Wesley,  brathair  do  Iain  Wesley,  air  an 
deachaidh  iomradh  a  thoirt  anns  na  duil- 
leagan  so  o  chionn  ghoirid ;  agus  tha  i 
r'a  faotainn  ann  an  Leabhar  Nuadh  nan 
Laoidhean  (Eaglais  na  h-Albann),  aireamh 
414.  Chaidh  a  h-eadar-theangachadh  gu 
Gaidhlig  le  A.  MacDhtighaill,  agus  gheibhear 
i  anns  an  Laoidheadair  cuideachd,  aireamh 
111.  'S  e  mac  ministeir  de'n  Eaglais 
Shasunnaich  a  bh'ann  an  Tearlach  Wesley. 
Rugadh  e  's  a'  bhliadhna  1717,  agus  chaochail 
e  anns  a'  bhliadhna  1788. 

Anns  an  ochdamh-  linn-deug  bha  a'  chuid 
mhor  de  shluagh  Shasuinn  gun  churam 
m'an  anmnan  no  mu  chor  dhaoine  eile, 
agus  mar  sin  bha  an  eaglais  fuar  ann  an 
creideamh,  gun  eud  's  gun  bhlaths  spioradail. 
Ach  fo  laimh  Dhe  agus  'n  a  fhreasdal  diomh- 
air  thoisich  dusgadh  ath-bheothachadh  am 
measg  an  t-sluaigh  troimh  shearmonachadh 
Iain  Whitefield  agus  na  Wesley s,  Iain  agus 
Tearlach.  Bha  cridheachan  nam  minis- 
tearan  sin  air  theine  le  eud  grasmhor.  Cha 
d'fhan  iad  ris  an  t-sluagh  a  thighinn  do  na 
h-eaglaisean  ;  chaidh  iad  a  dh'ionnsaidh  an 
t-sluaigh  far  an  robh  iad,  agus  an  aite  sam 
bith  anns  am  faigheadh  iad  daoine  cruinn, 
air  sleibhtean,  taobh  nan  rathaidean  mora, 
no  ann  an  sraidean  nam  bailtean,  chuir  iad 
mu'n  coinneamh  beatha  is  bas,  a'  tairgsinn 
dhaibh  slainte  gu  saor  ann  an  Criosd  ;  agus 
rinn  iad  sin  chan  ann  a  mhain  air  Di-D6mh- 
aich  ach  o  Dhi-Luain  gu  Di-Sathuirne.  Bhean- 
naich  Dia  gu  pailt  searmonachadh  agus 
saothair  nam  ministearan  sin.  Mar  a  thub- 
hairt  mi  cheana  bha  an  cridheachan  fhein 
air  an  lasadh  le  teijie  bho  altair  Dhe,  agus 


Dion  mi,   O  mo  Shlan'ghear,  dion, 
Fhad  's  a  mhaireas  gaillionn  fhuar, 
Anns  a'  chaladh  aghmhor  shior, 
Gabh-sa  m'anam  thugad  suas. 

las  iadsan  cridheachan  dhaoine  eile  ;  agus 
bha  a  bhuil  ann,  thainig  atharrachadh  air 
daoine,  air  an  caitheamh-beatha  's  air  an 
giulan  fo  bhuaidh  an  Spioraid. 

Marbhantachd  Spioradail 

Tha  rud-eigin  cearr  air  an  t-saoghal  an 
diugh,  agus  tha  m6ran  'n  ar  measg  de'n 
bheachd  nach  'eil  ungadh  ann  a  leighiseas 
sluagh  an  t-saoghail  ach  ungadh  an  t- 
Soisgeil  Shiorruidh,  an  Soisgeul  a  ghluaiseas 
's  a  dh'ath-bheothaicheas  's  a  leighiseas 
clann  nan  daoine. 

Nis  'n  ar  measg  fhein  de  tha  bacadh  an 
dusgaidh  's  an  leighis  so  1  Co  aige  tha  a' 
choire  ?  Tha  Esan  cho  ullamh  agus  cho 
deonach  searmonachadh  agus  saothair 
dhaoine  matha  a  bheannachadh  's  a  bha  e 
riamh,  agus  tha  an  Spiorad  cho  saor  do 
dhaoine  an  diugh  's  a  bha  e  ri  linn  nan 
Wesleys,  's  a  bha  e  air  Latha  na  Caingis. 
'N  ann  aig  na  ministearan  no  aig  an  t- 
sluagh  tha  a'  choire  ?  Chan  'eil  na  minis- 
tearan gun  choire.  Bu  toigh  leo  daoine 
fhaicinn  a'  tighinn  do'n  eaglais  agus  a  bhith 
frithealadh  meadhonan  nan  gras.  Tha  iad 
a'  feitheamh  air  a'  mhor-shluagh  tighinn 
d'an  ionnsaidh-san,  ach  chan  'eil  am  mor- 
shluagh  a'  tighinn.  Feumaidh  iad,  tha  an 
t-eagal  orm,  anns  na  laithean  a  tha  air 
thoiseach  oirnn  a  dhol  as  deidh  an  t-sluaigh, 
mar '  a  rinn  Whitefield  agus  na  Wesleys, 
agus  an  Soisgeul  a  shearmonachadh  dhaibh 
an  aite  sain,  bith  's  an  eisd  iad  ris,  'n  an 
dachaidhean,  no  aig  an  obair,  no  air  na 
sraidean,  no  air  a'  bhlar  a  muigh.  Chan 
'eil  an  sluagh  gun  choire.  'N  ar  duthaich 
fhein  cha  robh  daoine  riamh  cho  math  dheth 
gu  h-aimsireil  's  tha  iad  an  diugh.  Ach 
ged  a  tha  iad  na's  fhearr  dheth  a  thaobh 


SEUMAS  NA  BANTRAICH 


bidh  is  aodaich  na  bha  an  sinnsear  chan 
'eil  iad  toilichte  no  riaraichte  le'n  staid  ; 
tha  tuilleadh  is  tuilleadh  a  dhith  orra  agus 
so  an  aon  rud-  air  am  bheil  iad  a'  smaoin- 
eachadh,  ciamar  a  gheibh  iad  barrachd 
airgid  agus  barrachd  de  na  nithean  a  chean- 
naicheas  airgiod.  A  reir  coslais  chan  'eU 
acras  air  an  anmnan  air  son  Aran  na  Beatha. 
Tha  an  t-Aran  o  Neamh  air  a  thairgsinn 
dhaibh  ach  ch^^n  'eU  iarraidh  aca  air,  's 
chan  'eil  iad  a'  faicinn  feum  aca  air.  Chan 
'eil  tart  air  an  cridheachan  air  son  Uisge  na 
Beatha.  Tha  an  Tobar  sin  Ian  agus  saor 
dhaibh  ach  chan  'eil  iarraidh  aca  air,  's  chan 
'eil  iad  ag  61  as. 

Glaisean  agus  Seobhag 

Tha  sin  's  an  dol  seachad.  Leigidh  sibh 
dhomh  a  nis  bruidhinn  air  an  laoidh  agus 
mar  a  chaidh  a  sgriobhadh.  Bha  Tear  la  ch 
Wesley  aon  mhaduinn  gheal  Earraich  'n 
a  sheasamh  air  beulaibh  a'  Mhanse  aige. 
Agus  de  a  chunnaic  e  ach  glaisein  ag  itealaich 
air  ais  's  air  adhart  agus  seobhag  as  a  dheidh. 
Bha  an  t-eun  ann  an  cunnart,  oir  bha  an 
n^mhaid  guinea  ch  's  an  geall  air  a  bheatha. 
Bha  e  'n  a  eiginn  's  'n  a  bhoU  an  impis  dol 
a  eochull  a  chridhe.  Agus  siiil  'g  an  tug 
am  ministeir  coir  chunnaic  e  an  t-eun  beag 
a'  deanamh  direach  air  fhein,  agus  mu'n 
robh  fios  aige  c'aite  an  robh  e  'n  a  sheasamh 
bha  an  glaisein  'n  a  achlais  fo  sheacaid, 
's  a  chridhe  's  a  choluinn  air  chrith  le  eagal. 
Chuir  an  rud  a  thachair  fo  smaointinn 
Tearlach  Wesley,  oir  aig  an  am  bha  a 
shuidheachadh  fein  agus  cor  anma  agus 
suidheachadh  agus  cor  anma  dhaoine  eile 
a'  cur  dragh  air.  Chaidh  e  stigh  do'n  tigh, 
rug  e  air  peann  's  air  paipeir,  agus  shuidh 
e  sios  agus  sgriobh  e  an  laoidh  so. 


losa  thug  do  m'anam  gradh, 
Teichidh  mi  gu  d'ionnsaidh  fein 

Didean  eile  chan  'eU  ann, 
'N  crochadh  riut  tha  m'anam  truagh, 
0  na  fag  mi  's  mi  cho  fann, 
Thoir  dhom.h  solas  's  cum  mi  suas. 
M'  uile  dhochas  th'annad  fein, 
M'  uile  chomhnadh  uat-sa  teachd, 
Comhdaich  mi  fo  sgail  do  sgeith, 
Cum  mo  cheann  fo  d'  dhion  gu  beachd. 

Bha  Tearlach  Wesley  'na  bhard  a  thuil- 
leadh  air  a  bhith  'n  a  mhinisteir  agus  sgriobh 
e  ceudan  de  laoidhean,  ach  's  i  so  an  t-aon 
as  ainmeile  's  as  fiachaile  dhiubh  uUe,  agus 
an  t-aon  a  bha  agus  a  tha  agus  a  bhitheas 
arms  gach  cearn  de'n  t-saoghal  air  a  bean- 
nachadh  le  Dia  do  mhiltean. 

Tha  moran  dhaoine  an  diugh  air  an 
luasgadh  le  doinnean,  agus  air  an  tilgeil 
a  null  agus  a  nail  air  tonnan  trioblaideach 
na  beatha  so.  Chan  'eil  fhios  aca  c'aite 
an  tionndaidh  iad  air  son  fois  no  fasgadh. 
"Co  a  nochdas  dhuinn  maith  ?  "  so  an 
glaodh  a  tha  ag  eirigh  o  iomadh  cridhe,  agus 
c'aite  am  faigh  iad  fasgadh  no  sith  ?  Ann 
an  uchd  agus  fo  achlais  Chriosd,  fo  sgaile 
a'  Chroinn-cheusaidh.  Chan  'eil  didean  eile 
ann  ach  an  didean  a  roghnaich  Dia,  no  aite 
eile  ann  's  am  faigh  ar  n-anmnan  neo- 
bhasmhor  fasgadh  agus  sith  agus  sonas. 

"  Agus  bithidh  duine  mar  ionad-fasgaidh 
o'n  ghaoith  agus  mar  dhidean  o'n  doinnean." 
Tha  Criosd  'n  a  ionad-fasgaidh,  o  ghaoith 
a  bhuairidh  's  na  trioblaid,  'n  a  dhidean  fo 
dhoinnean  a'  pheacaidh  agus  a'  bhroin ; 
agus  tha  a  chuireadh  a  seasamh  gu  brath — 
"  Thigibh  am  ionnsaidh-sa,  sibhse  uile  tha 
ri  saothair  agus  fo  throm  uallach,  agus  bheir 
mise  suaimhneas  dhuibh." 


Seumas  na  bantraich 

Le  Eachann  MacDhughaill. 


AN  diugh  fhuair  mi  paipear-naidheachd  de'n 
ainm  am  "  Messenger  "  bho  charaid  thaU 
am  Melbourne,  an  Astralia,  anns  am  faca 
mi  gu'n  robh  urram  air  "a  chur  air  mo 
sheann  mhaighstir-sgoile,  Seumas  Noble 
MacCoinnich,  o  chionn  ghoirid,  Seumas  na 
Bantraich,  a  Ploc  Loch  Aillse.  Cha  do 
rirmeadh  mearachd  an  uair  a  bhaisteadh  e 
fo'n  ainm  ud,  "  Seumas  Noble  MacCoinnich," 
oir  cho  math  ri  bhith  "  Noble  "  'na  ainm 
bha  e  allail  'na  bheus  is  'na  bheatha. 

Ach  mu'n  toir  mi  cunntas  air  an  urram  a 
chuireadh  air,  bu  mhath  learn  innseadh  c6  a 
tha  ann  an  "  Seumas  na  Bantraich "  so. 
Thugadh  an  t-ainm  ud  dha,  mar  a  tha  furasda 


gu  leor  a  thuigsinn,  a  chionn  gu'n  d'fhagadh  a 
mh^thair  'na  bantraich  an  uair  a  bha  a  clann 
gle  6g.  B'ann  a  mhuinntir  a'  Phluic  a 
bha  iad,  agus  b'ann  an  Eilean  liibh  a  rugadh 
Seumas. 

B'aithne  dhomhsa  triiiir  de'n  teaghlach, 
Seumas,  cuspair  mo  sheanachais  an  so  an 
drasd,  Eoghan,  an  t-aon  a  b'oige,  agus  Anna. 
Bha  Seumas  tri  no  ceithir  a  shamhraidhean, 
is  Eoghan  da  no  tri  bhliadhnachan  'na 
dheidh,  'nan  oidean-teagaisg  an  Sgoil  Comunn 
Gaidhealach  nam  Ban-uasal  anns  a'  cheann 
shear  de  ChoUa  an  uair  a  bha  mise  bho 
sheachd  gu  dusan  bliadhna  a  dh'aois.  Bha 
am  piuthar,  Anna, .  a'  cumaU  tighe  leotha, 


SEUMAS  NA  BANTRAICH 


is  mar  an  ceudna  a'  cumail  air  aghaidh 
deagh  obair  a  da  bhrathar  an  uair  a  dh'fhos- 
gladh  an  Colaisde  an  toiseach  a'  gheamh- 
raidh,  gus  an  tilleadh  iad  a  rithist  aig 
deireadh  an  t-seisein.  Is  ann  mar  sin  a 
b'aithne  dhomhsa  iad.  Chaidh  dorsan  na 
sgoile  ud  a  dhimadh  (mar  sgoil)  anns  an 
Og-mhios,  1892,  agus  b'e  Eoghan  an  t- 
oide-foghluim  mu  dheireadh  a  bha  innte. 
Gha  bheo  esan  an  diugh,  oir  thuit  e  air  raon 
a'  chatha,  chan  e  an  cath  a  bhitear  a'  cur 
le  gunna  is  lann,  ach  cath  na  trocair,  cath. 
an  aghaidh  uilc,  peacaidh,  aineolais,  is 
buirbe,  a'  craobh-sgaoUeadh  an  t-Soisgeil 
am  measg  nan  cinneach. 

Cha  bheo  Anna  na's  mo,  oir  shiubhail  i 
an  Steornabhagh  bho  chionn  da  no  tri 
bhliadhnachan.  '  Tha  leabhar  beag  agam 
fathast  a  thug  i  dhomh  an  am  do'n  sgoil  ud 
a  bhith  air  a  dunadh,  agus  cha  bu  mhath 
leam  dealachadh  ris. 

Lighiche  cuirp  agus  anama 

Thug  Seumas  na  Bantraich  am  mach 
dreuchd  ministrealachd  is  dotaireachd,  is 
shaothraich  e  air  achaidhean  farsuing 
tirean  cein,  a'  cur  gu  buil  an  orduigh 
a  thug  an  Slanuighear  d'a  dheisciobuill  an 
uair  a  bha  e  'g  am  fagail :  "  imichibh  air 
feadh  an  t-saoghail  uile,  agus  searmon- 
aichibh  an  Soisgeul  do  gach  dtiil."  Tha 
beagan  is  leth-cheud  bhadhna  bho'n  a  chuir 
e  ceaim-finid  air  fhoghlum,  agus  b'ann  ris 
na  Hebrides  Ura  a  thog  e  aghaidh  an  tois- 
each, agus  bha  e  corr  is  ceithir  bhadhna 
deug  an  sin.  Anns  an  iiine  sin  rinn  e  obair 
mhor,  agus  ged  nach  deanadh  e  dad  eilc 
ach  am  Biobull  uile  gu  leir  eadar-thean- 
gachadh  gu  canain  nan  eilean  sin,  bu  mhor 
an  t-saothair  sin  fein. 

Chaidh  e  an  sin  air  imrich  fhada  suas  gu 
ruig  Corea,  an  Tir  Shinim.  Bha  Corea 
an  uair  sin  air  a  toirt  a  steach  fo  riaghladh 
Nipon,  oir  b'e  sin  cuid  de  thoradh  na  buadha 
a  thug  Nipon  am  mach  'na  cogadh  ri  Sinim 
(China).  Fhuair  e  an  sin  'n  a  Ard-cheann 
air  ospadal  lobhar  am  baile  Fusan,  an  taobh 
deas  na  duthcha.  Bha  anns  an  am  sin, 
ciod  air  bith  mar  tha  ciiisean  an  diugh,  bho 
she  gu  seachd  mile  lobhar  anns  na  mor- 
roinnean  air  taobh  deas  Chorea,  agus  bhatar 
am  beachd  gu'n  robh  fichead  mile  anns  an 
duthaich  uile  gu  leir.  Rinn  Seumas  obair 
mhor  ann  an  leigheas  an  da  chuid,  bodh- 
aigean  is  anamannan  nan  lobhar.  Bhatar 
aon  uair  am  beachd  nach  robh  leigheas  ann 
air  an  luibhre,  ach  chan  ann  mar  sin  a 
tha  idir.  Chan  e  so,  ged  tha,  an  t-aite  gu 
buntainn  ris  an  taobh  sin  de'n  obair,  eadhon 
ged  a   bhiodh  an  lan-eolas  agamsa  gu  sin 


a  dheanamh,  an  ni  nach  'eil.  Ach  a  leigeil 
ris  cho  tabhacach,  feumail  's  a  bha  an  obair 
a  rinneadh  anns  an  ospadal  so  fo  riaghladh 
Sheumais  MhicCoinnich,  chuir  Impire  Nipon 
urram  mor  air,  is  chrochadh  cuinneadh-meas 
air  a  bhroilleach  nach  d'fhuair  ach  gle  bheag, 
ma  fhuair  aon  eile  riamh  e  taobh  am  mach 
de  dhuthaich  Nipon  fein.  Bha  e  bliadhna 
air  fhichead  air  ceann  an  ospadail  so,  eadhon 
gus  an  d'thug  e  suas  a  dhreuchd,  agus  nis  a' 
tarruing  air  aghaidh  am  bliadhnachan. 

Urachadh  aii  seann  edlas 

Bho  chionn  beagan  is  dusan  bliadhna  air 
ais,  air  dhomhsa  tadhal  an  Aitreabh  nan 
G^idheal  an  Glaschu,  far  a  bheil  mi  gle 
bhitheanta,  bha  litir  an  sud  a'  feitheamh 
orm.  B'ann  a  Nipon  a  thainig  i,  rathad 
Shiberia.  Is  ann  bho  Sheumas  MacCoinnich 
a  bha  i !  Bha  e  a'  faicinn  m'ainme-sa  anns 
na  paipearan-naidheachd  Gaidhealach  bho 
^m  gu  am  :  "  ani  bu  mhise  an  t-Eachann 
MacDhughaill  a  bha  ann  an  Sgoil  an  t-Sruth 
Fhrogaich,  an  Colla,  an  uair  a  bha  esan  a' 
teagasg  innte  ?  "  Bha  e  an  dull  gu'm 
feumadh  gur  mi ;  agus  a  rithist,  gu  sgeul 
ghoirid  a  dheanamh  de  sgeul  fhada,  dh'uraich 
sinn  ar  seann  n-eolas,  agus  bu  toradh  do 
na  sgriobhaidhean  a  bha  eadaruinn  gu'n 
do  chuir  e  seachad  roinn  mhath  de  sheach- 
duin  fo  dhruim  mo  thighe-sa  an  Glaschu 
air  dha  tighinn  an  nail  air  forlach  beagan 
'na  dheidh  sin. 

Bu  bhliadhna  an  Fhoillseachais  Mhoir 
an  Glaschu  a  bha  ann  (1938),  agus  is  math 
mo  chuimhne,  is  sinn  le  cheile  anns  a' 
Chlachan  an  sin,  air  tachairt  ris  an  fhear- 
nach-maireann,  Calum  MacLeoid.  B'aithne 
dhaibh  le  cheile  c6  cach-a-cheile,  ach  cha  do 
thachair  iad  riamh  gu  sin,  agus  bu  mhise 
an  t-eadar-mheadhonar  a  thug  cuideachd 
iad !  Is  ann  aca  a  bha  an  comhradh  tait- 
neach,  is  mise  ag  eisdeachd!  Tha  cuimhne 
agam  gu  gasda  an  uair  a  thug  iad  tarruing 
air  an  aois  a  bha  iad  le  cheile  aig  an  am 
gu'm  bu  cho-aoisean  iad  :  bha  iad  le  cheile 
tri  fichead  bliadhna  's  a  ceithir  a'  bhliadhna 
ud.  Agus  dh'fhaodainn  ainmeachadh  co- 
cheangailte  ri  sin  gu'm  bu  cho-oileanach 
dha  anns  a'  Cholaisde  an  t-OUamh  Ruairidh 
MacLeoid,  a  bh^  is  a  tha  cho  mesaail  anns  an 
Eaglais.  Bha  iad  moran  de'n  uine  a  bha 
Seumas  an  Albainn  a'  bhliadhna  ud  an 
cuideachd  a.  cheile.  B'ann  gle  ghoirid  an 
deidh  sin,  direach  an  uair  a  thill  e  do  Chorea 
a  rithist,  a  thug  e  suas  a  dhreuchd,  is  rinn  e 
a  dhachaidh  ann  am  Melbourne.  B'ann  fo 
Mhision  Astralia  a  bha  e  anns  na  dreuchdan  sin 

Sin  agaibh,  mata,  an  deagh  Ghaidheal 
mu'n  robh  an  iomradh  anns  a'  phaipear  ud 


6 


SEUMAS  NA  BANTRAICH 


a  thainig  chugamsa  an  diugh  a  Astralia  is 
a  dh'  uraich  na  seann  chuirahnea chain 
so  dhomh.  Ciod  an  t-iomradh  a  bha  ann, 
mata  ? 

Moderator  Eaglais  Chl^ireach  Bhictoria 

A  chum  is  gu'n  tuigear  na's  fearr  an 
gnothach,  is  coir  dhomh  ainmeachadh  gu'n 
do  ghitilain  ar  caraid  dreuchd  Moderator 
air  Eaglaisean  Cleireach  Bhictoria  an  deidh 
dha  a  dhachaidh  a  dheanamh  am  Melbourne. 
-Chaidh  seirbhis  a  shonrachadh  's  a  ghleidh- 
eadh  an  Eaglais  Thtirag  anns  a'  bhaile  sin 
air  latha  feille  an  Naoimh  Anndra,  an 
latha  mu  dheireadh  de'n  t-Samhuinn  so 
chaidh,  is  bha  an  t-seirbhis  anabarrach 
drtiridhteach. 

Ar  leam,  ged  nach  'eil  ctmntas  air  sin 
anns  an  iomradh  so,  gu'n  d'thugadh  mar  an 
ceudna,  agus  co-cheangailte  ris  a'  chilis, 
a.  dhealbh  fein  an  eideadh  a  dhreuchd,  ann 
an  ceis-chearnaig,  mar  thabhartas-meas  dha. 
Thoisicheadh  air  an  t-seirbhis  leis  an  t- 
salm-so  ris  an  fhonn,  "  Balerma  "  : 

"  Togadh  gach  tir  ard-iolach  glaoidh 
do  Dhia,   lehobhah  mor  ; 
Thigibh  is  deanaibh  seirbhis  ait 
'na  14thair-san  le  ceol." 

Thogadh  am  fonn  so  'na  loinn  is  'na 
dhuthchasachd  an  canain  mhilis  nan  Gaidh- 
eal,  is  a  reir  aithris  na  tuath.  Is  e  Latha 
Feille  an  Naoimh  Anndra  a  bha  ann,  agus 
bha  Comunn  Gaidhealach  Albannach  Bhic- 
toria a  lath  air  aig  an  t-seirbhis  Ghaidhlig 
so  an  Eaglais  Chleireach  Thiirag,  a'  deanamh 
seirbhis  do  an  Dia,  agus  a'  cur  urram  air 
am  Moderator-a-bha  (ex-Moderator),  an  t- 
ard  Urramach,  Seumas  Noble  MacCoinnich. 
Chuireadh  crioch  air  seinn  na  sailm,  agus 
sheas  esan  air  an  robh  urram  'ga  chur  is 
bhriathraich  e  urnuigh.  Bha  fhalt  liath,  is 
feusag  fhada,  ghlas,  'ga  chomharrachadh 
am  mach  mar  aon  de  na  seann  athraichean  ; 
sgoUear,  foghlumach  chanainean,  leigh  is 
misionaraidh,  mac  dileas  do  Ghaidhealtachd 
na  h-Albann  :    mac  dileas  do  Dhia ! 

Thog  a'  choisir  fonn  nan  salm  a  rithist, 
an  uair  so  an  treasa  Salm  thar  an  fhichead, 
agus  Calum  Ruairidh  Dhaibhidh,  a  Liurabost 
an  Leodhas,  air  cheann  na  seinn.  Leughadh 
an  sin  earrann  de'n  Sgriobtur,  as  a'  cheith- 
reamh  caibideal  deug  de'n  t-Soisgeul  a  reir 
Eoin.  'Ann  an  tigh  m'Athar-sa  tha  iomadh 
kite  comhnuidh  :  mur  bitheadh  e  mar  sin 
dh'innsinn-sa  dhuibh'  ;  agus  a  rithist  sheas 
an  coimhthional  suas,  is  chaidh  an  seann 
aoghair  an  ceann  urnuigh,  agus  'na  dheidh 
sin  shuidh  iad  sios  gu  salm  eile  a  sheinn. 
An  uair  a  thainig  briathran  driiidhteach 
na  sailm  gu  orich  : 


"  Oir  chaidh  mi  leis  a'   chuideachd  mhoir, 

dol  leo  gu  teampull  Dhe," 
bha  iomadh  Gaidheal  de  na  ceithir  cheud  de 
choimhthional  a  bha  anns  an  eaglais  le  an 
smuaintean  fada  air  falbh  an  astar  is  am 
bliadhnachan,  seadh,  fada  shuas  an  sud  air 
Gaidhealtachd  na  h-Albann,  ag  cuimh- 
neachadh  is  a'  meomhrachadh  air  laithean 
an  oige. 

Sheas  an  sin  Ceann-suidhe  a'  Chomuinn, 
is  liubhair  e  f^ilte  chubhaidh,  a'  leigeil 
fis  aig  a'  cheart  am  gu'm  feumadh  a 
bhriathran  a  bhith  stuama,  mar  a  bha 
freagarrach  leis  gur  ann  an  Eaglais  Dhe  a 
bha  e  'na  sheasamh.  "  A  Sheumais  Noble 
MhicCoinnich,"  thubhairt  e ;  "a  Sheumais, 
a  mhic  na  Bantraich,  faodaidh  nach  do 
thuig  sibhse  gu  so  gu'n  robh  an  t-seirbhis 
a  tha  air  a  gleidheadh  an  drasd  air  a  sonrach- 
adh  a  chilm  's  gu'n  leigeadh  bhur  cairdean 
ris  an  gradh  agus  am  meas  oirbh,  agus  a 
chum  's  gu'n  toireamaid  buidheachas  do 
Dhia  'nur  lathair  fein  gu'n  do  luigheasaich 
e  dhuinn,  gu'm  biodh  bhur  leithid-se  de 
dhuine  an  so  'n  ar  measg,  duine  a  tha  'na 
eiseamplair .  dhuinn  air  gach  uile  shubhailc 
as  ^irde  anns  a'  bheatha  Chriosdail,  duine 
a  chuir  urram  oirnn  ann  a  bhi  an  so  leinn 
agus  a'  giiilan  air  aghaidh  obair  lathail  mar' 
aon  dhinn  fein,  fear-teagaisg  agus  fear- 
iiiil." 

"  Tha  ceithir  fichead  bliadhna  is  corr  air 
triall  bho  laithean  bhur  leanabais  an  Eilean 
lubh,  an  Sgire  Ghearrloch,  an  tn  4ghmhor 
ud  mu'n  do  sheinn  iomadh  bard,  tir  a  tha 
ainmeil  a  thaobh  na  tuath  is  na  h-iomadh 
uasal  allail,  bean  bheusach,  mhaiseach, 
mUidh  curanta,  maraiche  gleusta,  is  fear- 
teagaisg  dileas  ann  an  searmonachadh  nan 
Sgriobturan  Naomha  a  dh'araich  i ;  agus 
ribhse,  a  Sheumais  Noble  MhicCoinnich, 
tha  sinn  ag  radh  gu  bheil  sinn  dearbhte 
gu'm  bi  bhur  n-ainm  'na  aite  measail  fein 
an  sgeul-iomraidh  na  sgire  a  thug  breith  is 
arach  dhuibh,  re  nam  bliadhnachan  a  tha 
air  thoiseach  oirnn  is  am  measg  an  ^U  a  tha 
fathast  gun  bhreith." 

"  Bhriathraich  sibh  bhur  cliii  air  an 
Tighearna  an  uair  a  bha  sibh  6g  am  bliadh- 
nachan, lean  sibh  air  sin  mar  a  bha  sibh  a' 
cinntinn  suas  agus  air  aithne  an  Tighearna 
a  chur  gu  buil  fad  bhur  n-uile  laithean  is 
bhur  beatha  chliuitich.  Annaibhse,  a  Sheu- 
mais ghradhaich,  tha  sinn  a'  faicinn  'nar 
mac-meanmna  na  dilil  shona  mu'n  do  sheinn 
an  Salmadair  : 

'  Le  mhaitheas  is  le  thiodhlacaibh, 
sar  lionaidh  e  do  bheul, 
'S  tha  t'oige  air  ath-nuadhachadh 
mar  iolair  luath  nan  speur.' 


UAN  DHE 


Cedl  Gaidhealach 

Car  tiota  bha  an  coimhthional  samhach  ; 
agus  an  sin  bhris  an  t-6rgan  an  t-samhchair 
le  fonn  is  ceol  Gaidhealach  ;  is  sheinn  Anna 
Osborne  le  a  guth-cinn  oirdhearc  'na  mhil- 
sead,  eadhon  mar  a'  ghrian  ag  eirigh  air 
Rainneach  no  a'  dol  fodha  thall  ciil  an  Eilean 
Sgitheanaich  ;  agus  bha  an  coimhthional 
mor  ud  mar  aon  duine  air  aiseag  air  sgiath- 
aibh  na  h-ionndrainn  gu  tir  a'  cheo  air  an 
robh  an  cuimhne  cho  maireann. 

Liubhair  an  sin  an  t-Urramach  Ailean  C. 
MacBhatair  oraid  Bheurla,  aig  a'  cheart  am 
a'  leigeil  ris  a  theachd-gearr  fein  a  thaobh 
nach  robh  e  'na  chomas  labhairt  an  cainnt 
nam  beann,  agus  gu'm  feumadh  e  teanga 
nan  comhnard  a  chleachdadh. 

Thog  Donnchadh  MacDhonnchaidh  Mhic 
Fhionnlaigh,  a  Ailligin,  an  Sgire  Ghearrloch 


fonn  na  h-ath  sailm,  an  treasa  salm  thar  ^' 
cheud,  ris  an  fhonn  '  Coleshill  '  ;  'na  dheidh 
sin  bha  am  beannachadh  ann  an  Gaidhlig, 
agus  gu  stolda,  ciuin,  ghluais  an  coimh- 
thional am  mach  gu  reidh,  ordail  as  an 
eaglais.  Bidh  cuimhne  air  na  thachair  am 
feasgar  ud  taobh  a  stigh  a  ballachan  re 
iomadh  latha. 

Chaidh  a'  ghrian  fodha  an  Astralia  am 
feasgar  ud,  ach  ceithir  mile  deug  mile  de 
astar  air  falbh,  shuas  an  Tir  nam  Beann, 
bha  a'  cheart  ghrian  ag  eirigh  anns  an  ear. 
Bha  an  sneachd  geal  air  fraoch  nam  mull- 
aichean  a  b'airde,  bha  an  teine  monadh  air 
fhadadh,  le  ceo  gach  teallaich  ag  eirigh  ri 
cop  nan  speur,  agus  shios  anns  a'  ghleann 
tha  clag  na  h-eaglaise  bige  le  buille  reidh  a' 
gairm  na  tuatha  gu  aoradh  na  S^baid. 


Uan  Dhe 


Leis  an  Urramach  Aonhghus  Mac-a-Bhiocair,  M.A. 

Ceart  mar  a  taim,  gun  ni  am  l^imh 
Ach  toilltinneas  do  bh^is  a  mh^in, 
Air  cuireadh  fialaidh  saor  do  ghrais 
Uain  Dhe.  dhuit  thigeam  dluth, 


GHEIBHEAR  an  laoidh  so  ann  an  Leabhar 
Nuadh.nan  Laoidhean  (Eaglais  na  h-Alba), 
aireamh  411,  air  a  h-eadar-theangachadh 
le  Alasdair  Camshron.  Tha  i  r'a  faotainn 
cuideachd  's  an  Laoidheadair,  aireamh  79. 

Sgriobhadh  i  le  boirionnach  6g,  ban- 
Sasunnach,  d'am  b'ainm  Charlotte  Elliott, 
aig  an  robh  a  comhnuidh  dltxth  do  bhaile- 
mor  Lunnainn.  Rugadb  agus  dh'araicheadh 
Charlotte  Elliott  ann  an  dachaidh  dhiadhaidh 
far  an  robh  ainm  Chriosd  air  a  luaidli  's 
air  a  chliuthachadh,  agus  air  a  ghlorachadh 
gach  latha. 

Bha  tigh  a  parantan  'n  a  aite-coinneamh 
do  na  Criosduidhean  uile  's  a'  choimh- 
earsnachd.  An  uair  a  chruinnicheadh  na 
fir  's  na  mnathan  sin  a  bha  da-rireadh  de 
theaghlach  Dhe  bha  an  comhradh  daonnan 
a'  tionndadh  air  na  rinn  Criosd  air  an  son, 
agus  air  an  aoibheas  a  tha  co-cheangailte 
ri  slainte.  Cha  robh  Charlotte  a'  deanamh 
dimeas  no  dearmad  air  aoradh-teaghlaich, 
no  air  aoradh  follaiseach  an  Tighearna,  no 
air  leughadh  a'  Bhiobuill.  Bha  i  a'  gabhail 
tlachd  annta  uile.  Ach  an  uair  a  bhitheadh 
cairdean  a  h-athar  's  a  mathar  a'  bruidhinn 
air  nithean  diom.hair  an  Spioraid  cha  robh 
i  'g  an  tuigsinn.  Bha  i  'n  am  measg,  ach 
cha  robh  i  de'n  chuideaehd,  agus  bha  so  a' 
cur  iomaguin  oirre,  agus  air  uairean  bhith- 
eadh i  a'  dol  fo  smuaintean,  agus  a'  cur  na 
ceist  rithe  fhein  :  "  Am  bheil  mise  fhathast 
'n  am  Cbriosduidh  ?  " 


Bha  na  h-Elliotts  beairteach,  agus  bha 
iad  fialaidh  aoibhneil  cairdeil ;  agus  bha 
tigh  mor  farsuing  aca,  agus  b'abhaist  do 
Chriosduidhean  as  gach  cearn  taghal  orra. 
Aon  samhradh  thainig  ministear  ainmeil 
soisgeulach  a  Geneva,  d'am  b'ainm  Malan, 
'g  am  faicinn  's  a  dh'fhuireach  leotha.  Bha 
baigh  mhor  aig  an  t-seann  duine  ri  nighinn 
oig  an  tighe,  agus  bha  truas  aige  rithe 
cuideachd  oir  thug  e  fainear  an  uair  a 
bhitheadh  a'  mhuinntear  eile  a'  bruidhinn 
air  creideamh  's  air  diadhachd  's  air  eifeachd 
full  an  Uain,  gu'm  bitheadh  ise  a  ghn^th 
'n  a  tosd.  Cha  bhitheadh  i  a'  gabhail  pairt 
anns  a'  chomhradh  idir.  Chuir  so  ionghnadh 
air  agus  rinn  e  suas  inntinn  'n  uair  a  gheibh- 
eadh  e  cothrom  gu'm  feoiricheadh  e  dhith 
de  a  bha  cearr. 

Ceist  phearsanta 

Aon  latha  'n  uair  a  bha  iad  c6m.hla  's 
gun  duine  eile  a  lathair  chuir  e  a'  cheist 
oirre  :  "  An  deachaidh  d'impeachadh  fhath- 
ast ?  "  Cha  do  fhreagair  i  idir  e.  A  reir 
coslais  ghabh  i  an  gnothach  gu  dona,  agus 
thionndaidh  i  air  a  sail  le  ardan,  agus  dh'fhag 
i  e  'n  a  sheasamh  far  an  robh  e. 

Thuig  an  t-Urramach  coir  gu'n  do  ghor- 
taich  e  a  bhana-charaid  's  gu'n  d'thug  e 
oilbheum  dhith,  agus  cha  robh  e  toilichte. 
Chuir  an  gnothach  a  thachair  dragh  orra  le 
.cheile,  agus,  ged  nach  dubhairt  iad  facal 
timchioll  air  ri  duine  eile  no  ri  c&ch-a-cheile, 


UAN  DHE 


air  a  shon  sin  dheth  cha  b'urrainn  dhaibh 
a  chur  as  an  smaointean. 

'S  iomadh  doigh  a  tha  aig  Dia  air  deil- 
eachdainn  r'a  chloinn  agus  air  daoine  a  thar- 
ruing  'g  a  dh'ionnsaidh  fhein,  agus  chan  'eil 
teagam.h  sam  bith,  air,  bha  an  Spiorad  a' 
stri  ri  Charlotte  is  bha  a  chumhachd  'g  a 
tarruing.  An  ceann  seachdain  no  dha 
thaehair  an  dithis  aca  's  a'  gharadh,  agus 
'n  uair  a  chunnaic  i  nach  robh  duine  eile  's 
an  eisdeachd  thubhairt  i  :  "  Tha  'n  t-eagal 
orm  nach  robh  mi  modhail  ruibh  an  latha 
roimhe,  agus  tha  mi  duilich  is  tha  mi  an 
dochas  gu'n  gabh  sibh  mo  leisgeul.  Bu 
toigh  learn  tighinn  a  dh'ionnsaidh  Chriosd, 
ach  chan  'eil  fhios  agam  ciamar  a  thig  mi." 

"A  ghradhag,"  thubhairt  am  ministear 
's  e  a'  cur  a  laimh  gu  baigheil  a,ir  a  gualainn, 
"  na  cuireadh  sin  dragh  ort  ;  thig  mar  a  tha 
thu  agus  gabhaidh  Criosd  riut  agus  cuiridh 
e  failte  chridheil  ort." 

Mu  dheireadh  thall  dhealraich  an  solus 
o  Neamh  a,ir  a  h-anam  ;  thainig  i  gu  Criosd 
agus  chuir  i  a  h-earbsa  anh  agus  fhuair  i 
sith.  Dh'eirich  Grian  na  Fireantachd  'n 
a  cridhe  agus  theich  sgailean  an  dorachdais 
's  an  teagaimh,  's  bha  i  sona. 

"  Thig  mar  a  tha  thu,"  thubhairt  an  t- 
Urramach  Malan.  "  Tha  mi  tighinn  mar 
a  tha  mi,"  thubhairt  Charlotte  ;  agus  gu'n 
dubhairt  i  rithe  fhein  cuideachd  mar  tha 
an  seann  laoidh  ag  radh  : 

An  crochadh  ri  craoibh 
Tha  cuspair  mo  ghaoil, 
A  chridhe  fosgailt'  le  faoilt 
'S  a  ghairdeanan  sgaoilt 
Gu  rn'fhalach  'n  a  thaobh  ; 
Sud  ceann-uidhe  nan  naomh 
Te^rmunn  's  dachaidh  an  taobh-sa 
'Fhlathanas. 


Dileab  phriseil 

Sgriobh  Charlotte  Elliott  an  laoidh  fhiach- 
ail  so  anns  a'  bhli  dhna  1834.  Dh'fhag  i 
gun  teagamh  dileab  phriseil  eireachail  -  aig 
an  t-saoghal,  agus  bithidh  i  aic  a  seinn  ann 
ar  n-eaglaisean  cho  fad  's  a  bhitheas  Criosd 
air  a  shearmonachadh. 

Bha  brathair  aig  Charlotte  a  bha  'n  a 
mhinistear,  agus  tha  e  air  a  iMh  gu'n 
dubhairt  e  aon  uair  gu'n  do  tharruing  an 
laoidh  so  am  barrachd  dhaoine  gu  Criosd 
na  rinn  esan  fad  a  laithean  le  shaothair  's 
le  shearmonachadh.  'S  iomadh  cruinneach- 
adh  mor  d'an  do  shearmonaich  D.  L.  Moody 
'n  a  latha  ann  am  bailtean  America  agus 
Bhreatuinn  agus  na  Roinn-Eorpa  ;  agus 
b'abhaist  dha  bhith  ag  radh  nach "  robh 
laoidh  eile  a  ghluaiseadh  daoine  no  a  dhruidh- 
eadh  orra  no  bheireadh  gu  faireachadh  iad 
mar  a  dheanadh  an  te  so.  Agus  car  son  ? 
Tha,  a  chionn  gu  bheil  brigh  an  t-Soisgeil 
innte.  Cha  ruig  thusa  no  mise  leas  an  t- 
aite  's  am  bheil  sinn  a'  comhhuidh  fhagail, 
no  ar  n-obair  no  ar  nadur  fhagail,  a  thighinn 
a  dh'ionnsaidh  Chriosd.  Ma  tha  sinn 
deonach  tighinn  thigeamaid  direach  mar  a 
tha  sinn  agus  far  am  bheil  sinn.  'S  e  a' 
cheist  am  bheil  sinn  deonach  1  Ma  tha, 
tha  an  cuireadh  saor  agus  an  dorus  fosgailte 
do  na  h-uile  leis  am  miann  tighinn  is  dol  a 
steach. 

"  Agus  an  ti  a  thig  g'am  ionnsuidh  cha 
tilg  mi  air  chor  sam  bith  a  mach  e." 

"  Agus  dh'eirich  e  agus  chaidh  e  a  dhHonn- 
suidh  athar.  Ach  air  dha  bhith  fathast  fada 
uaith,  chunnaic  athar  e  agus  ghabh  e  truas 
mor  dheth  agus  ruith  e,  agus  thuit  e  air  a 
mhuineal,  agus  phog  se  e." 


Durachd 


Leis  an  Urr.  Calum  Mac  Gilleathain,  M.A.,  Condn. 


I. 


II. 


NOLLAIG  a'  teachd  oirnn  as  iir, 
Nochdainn  mo  dhiirachd  duit  gun  dail  : 
Buaidh  agus  sonas  mais'  is  cliu. 
Is  call ; 

III. 

Aoibhneas  na  NoUaig  thall, 

Aoibhneas  bliadhn'  uir  gun  dith, 

Duit  fein  is  do  d'  chuid  gun  chall 

Le  sith  ; 
IV. 

Fasgadh  is  tiarachd  dheas,  Furtachd  an  tigh  's  an  tir, 

Fuasgladh  6  lot  's  6  leon,  Caithreim  an  Righ  ro-naomh, 

Slainte  is  rath  is  leas  Dochas  is  maitheas  min 

Le  deoin  ;  Gu  caomh. 


Bliadhna  'na  ruith  gu  ceann, 
Samhradh  is  geamhradh  mar  chleachd, 
Blaths  is  fas  is  reothadh  teann 
Gu  beachd  ; 


V. 


Aireamh  6 


1947 


Air  an  t-slighe  gu  Emmaus 

Nach  robh  ar  cridhe  a'  lasadh  annalnn  am  feadh  a  bha  e  a'  labhairt  ruinn  air  an 
t  slighe,  agus  an  uair  a  dh'fhosgail  e  dhuinn  na  sgriobturan  ?  —  Lucas  xxiv.  32. 


AN  uair  a  choinnich  Criosd  ris  an  da 
dheisciobul  ud  tha  sinn  a'  leughadh  gu  robh 
iad  trom  dubhach,  ach  m'an  do  dhealaich 
e  riu  bha  an  cridhe  a'  lasadh  an  taobh  a 
stigh  dhiubh.  -  - 

Mar  sin  ni  deahadh  gnuis  ar  De 
Ar  n-an'ma  aoibhinn  ait  ; 
Fograidh  e  duibhre  's  doilgheas  uainn, 
Is  ni  sinn  uaill  gun  aire. 

Tha  moran  de  bhuill  na  h-eaglais  an  diugh 
mar  dhaoine  a  tha  am  beatha  dhiadhaidh 
cho  fann  iosal  's  gu  bheil  an  teine  air  bheul 
dol  as.  Ach  chan  e  toil  Chriosd  gu'm  biodh 
iad  ag  imeachd  gu  dubhach  air  an  t-slighe 
gun  cheol  'n  an  cridhe. 

Mur  bheil  ar  creideamh  agus  ar  dochas 
ann  an  Criosd  a'  cur  ceol  agus  blaths  'n  ar 
cridhe  tha  ni-eigin  cearr,  oir  is  e  toiseach 
agus  meadhon  na  beatha  dhiadhaidh  an 
taingealachd  agus  an  gradh  do  Dhia  agus 
d'a  mhac  a  tha  air  an  diisgadh  anns  a' 
chridhe  le  fianuis  an  Sgriobtuir  "  gur  ann 
mar  so  a  ghradhaich  Dia  an  saoghal,  gu'n 
d'thug  e  aon-ghin,  mhic  f^in,  chum  's  ge  b'e 
neach  a  chreideas  ann,  nach  sgriosar  e  ach 
gu'm  bi  a'  bheatha  shiorruidh  aige." 

Bha  mi  6g  agus  tha  mi  a  nis  sean  ;  leugh 
mi  agus  dh'eisd  mi  ri  iomadh  seorsa  teagaisg, 
ach  cha  d'thug  diadhair  no  searmonaiche 
riamh  air  mo  chridhe  lasadh  an  taobh  a 
stigh  dhiom  ach  a  mhain  le  Facal  Dhe — 
fosgladh  nan  Sgriobturan.  Oir  chan  'eil 
facal  no  leabhar  eile  air  an  t-saoghal  a  tha  a' 
coinneachadh  ri  t'fheum  mar  tha  am  Biobull 
a'  deanamh,  no  a  bheir  dhuit  dearbhachd 
gu  bheil-  do  pheacadh  air  a  mhaitheadh 
dhuit  agus  gu  bheil  sith  agad  ri  Dia  tre  losa 
Criosd.  An  uair  a  chreideas  tu  so  bithidh 
a'  cheart  fhiosrachadh  agad  a  bha  aig  Iain 
Wesley  an  uair  a  chual  e  litir  Phoil  chum 
nan  Romanach  air  a  fosgladh  'n  a  eisdeachd  ; 
"  dh'fhairich  mi  blaths  iongantach  'n  am 
chridhe." 

Tha  am  blaths  so,  no  an  lasadh  so  anns  a' 
chridhe  'na  chomharadh  cinnteach  air 
creideamh  slainteil,  agus  air  an  taingesalachd 
a    tha    a'    leantuinn    creidimh.      Anns    an 


Tiomnadh  Nuadh  is  e  am  facal  leis  am 
biodh  na  ceud  chreidmhich  a'  labhairt  mu'n 
bhl^ths  iongantach  a  chuir  Criosd  'n  an 
cridhe  aoibhneas.  Sin,  tha  mi  an  dull,  an. 
ceum  anns  an  lugha  a  tha  sinne  an  diugh 
coltach  ris  na  ceud  Chriosduidhean — tha 
sinn  air  ar  n-aoibhneas  a  chall;  chan  'eil  ar 
cridheachan  a'  lasadh  annainn  leis  na  nithean 
mora  a  rinn  Criosd  air  ar  son. 

Meadhonan  nan  gras 

0  chionn  nan  ceudan  bliadhna  thugadh 
an  t-ainm  "  Meadhonan  nan  gras  "  do  na 
nithean  sonraichte  so,  na  Sgriobturan,  aoradh 
foUaiseach,  tirnuigh,  agus  na  sacramaidean, 
agus  thugadh  dhaibh  e  a  chionn  gur  e 
fiosrachadh  coitchionn  na  h-eaglais  gur  e 
sin  na  nithean  as  eifeachdaiche  gus  a' 
bheatha  spioradail  a  dhiisgadh  agus  a  chumail 
beo  ann  an  daoine,  agus  toirt  air  ah  cridhe 
lasadh  le  taingealachd  do  Dhia. 

Ma  tha  so  fior  ciod  am  blaths  no  an,  t- 
aoibhneas  spioradail  ris  am  biodh  fiughar 
agad  ann  an  daoine  nach  bi  a'  moladh  an 
Tighearna  ann  an  co-chomunn  nan  creidmh- 
each,  agus  nach  bi  a'  cluinntinn  a'  Bhiobuill 
air  a  leughadh  no  air  a  mhineachadh  ach 
uair  annamh,  ma  bhios  iad  'ga  chluinntinn 
idir. 

Tha  miltean  agus  miltean  de  dhaoine  an 
dull  gu  bheil  e  comasach  dhaibh  fas  ann  an 
eolas  Dhe  agus  anns  a'  bheatha  dhiadhaidh, 
gun  dad  a  dheanamh ;  gun  teagasg,  gun 
oidhirp,  gun  aoradh,  gun  iirnuigh.  Ach 
chan  'eil  an  sin  ach  fein-mhealladh  ;  beachd 
cho  faoin  agus  cho  leanabail  's  nach  toir 
duine  turail  geill  dha. 

Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  Dia  a'  labhairt 
ruinn  air  iomadh  doigh  ;  doighean  cho 
lionmhor  's  nach  gabh  iad  cunntas,  ach  is  e 
an  doigh  as  soilleire  agus  is  cinntiche  agus 
as  eifeachdaiche  anns  a  bheil  e  a'  labftairt 
ruinn  tre  Fhacal.  Mur  bheil  am  Biobull, 
ma  ta,  air  a  theagasg  agus  air  fhosgladh  do 
dhaoine  ciamar  a  gheibh  iad  eolas  air  Dia, 
no  air  a  thoil,  no  air  a  rixintean,  no  ciamar  a 
thuigeas  iad  a'  chainnt  anns  an  do  labhair 
Dia  o  shean  tre  fh&idhean  agus  tre  abstoil. 


2    ■ 


DUBH-FHOCAIL  IS  CAINNT  SHIMPLIDH 


An  uair  a  their  daoine  oga  riut  an  diugh 
gu  bheil  cainnt  ■  a'  Bhiobuill  agus  cainnt 
mhinistearan  anns  a'  chubaid  cho  fada  air 
falbh  o  shaoghal  nam  bed  's  nach  gabh  iad 
tuigsinn  cha  bu  choir  dhuit  gabhail  romhpa 
ach  an  fhirinn  innseadh-  dhaibh,  gur  ann 
aca  fhein  a  tha  tomhas  mor  d'a  choire  sin  a 
chionn  gu  bheil  iad  'tur  aineolach  air  a' 
Bhiobull. 

Theagamh  gu  bheil  tomhas  mor  'le'n 
choire  aig  an  eaglais  fhein  cuideacbd  a 
chionn  gu  bheil  ministearan  na's  gaolaiche 
air  a  bhi  labhairt  mu  chor  an  t-saoghail 
ho  air  a  bhi  teagasg  a'  Bhiobuill.  Ach  cha 
toir  an  seorsa  searmonachaidh  sin  air 
cridheachan  dhaoine  lasadh  an  taobli  a 
stigh  dhiubh,  no  fas  aoibhneach  le  dearbh- 
achd  gu'n  do  rinn  Dia  nithean  mora  agus 
miorbhuileach  air  an  son. 

"  Agus  air  dha  tdiseachadh  o  Mhaois, 
agus  o  na  faidhean  uile,  dh'eadar-mhinich  e 
dhaibh-  anns  na  sgriobturan  uile  na  nithean 
rria  thimchioll  fiin." 

Nach  bu  mhaith  an  gnothach  na'n  robh 
sin  air  a  dheanamh  anns  a'  h-uile  ctibaid 
an  Albainn  fad  an  t-samhriidh  ;  na'n  robh 
fas  an  t-soluis  agus  rim  siorruidh  Dhe  air  a 
lorgachadh,  ceum  air  cheum,  o  leabhar  gu 
leabhar,  o  fhaidh  gu  faidh,  o  aon  fhianuis  gu 
fianuis  eile,  anns  a'  Bhiobull.  Na'n  robh 
sin  air  a  dheanamh,  agus  na'n  eisdeadh  an 


sluagh,  cha  bhiodh  am  Biobull  'n  a  leabhar 
dtiinte  no  'na  leabhar  dorcha  dhaibh. 

Chan  'eil  dad  a  thachair  anns  a'  Bhiobull 
nach  faod  tachairt  a  ris,  agus  so  te  de 
naidheachdan  a'  Bhiobuill  a  tha  cho  tir  an 
diugh  's  a  bha  i  an  de,  agus  a  bhios  iir  gu 
brath. 

"  Chuala  Philip  an  caillteanach  a'  leughadh 
an  fhaidh  Isaidh,  agus  ruith  e  d'a  ionnsuidh, 
agus  thubhairt  e,  Am  bheil  thu  a'  tuigsinn 
nan  nithean  a  tha  thu  a'  leughadh  ?  Agus 
thubhairt  esan,  Cionnus  is  urrainn  mi  mur 
sedl  neach-eigin  mi  ?  Agus  dh'iarr  e  air 
■  Philip  teachd  a  nios,  agus  suidhe  maille  ris. 
B'  e  so  a'  chuibhrionn  de'n  sgriobtur  a  bha  e 
a'  leughadh.  "  Thugadh  e  mar  chaora  chum 
marbhaidh,  agus  mar  uan  a  tha  'n  'a  thosd  am 
fianuis  an  fhir-lomairt,  mar  sin  cha  d'fhosgail 
e  a  bheul.  .  .  .  "  Thubhairt  an  caill- 
teanach ri  Philip,  Co  uime  tha  am  faidh  ag 
radh  so  ?  uime  fein,  no  mu  neach  digin 
eile  ?  An  sin  dh'fhosgail  Philip  a  bheul 
agus  a'  tdiseachadh  o'n  sgriobtur  sin  shear- 
monaich  e  losa  dha." 

'S  e  crioch  na  naidheachd  so  gu'n  do 
chreid  an  caillteanach  agus  gu'n  robh  e 
air  a  bhaisteadh.  Nach  robh  ar  cridhe  a' 
lasadh  annainn  an  uair  a  dh'fhosgail  e 
dhuinn  na  sgriobturan  ? 

Gun  am  Biobull  chan  'eil  anns  an  eaglais 
ach  tigh  gun  solus,  gun  bhlaths. 


Dubh-fhocail  is  cainnt  shimplidh 

Leis  an  Urr.  T.  M.  MacCalmain,  M.A.,  Glaschu 


BU  mhath  learn  tarraing  a  thoirt  air  cuspair 
a  thugadh  am  foUais  leis  an  Urr.  Iain 
Domhnallach'ann  an  Aireamh  a'  Ghearrain. 
Bha  e  sgriobhadh  mu  aon  de  na  h-aobhair 
a  tha  cumail  na  h-6igridh  o  bhith  frithealadh 
na  h-eaglaise.  Chan  e  mhain  an  oigridh 
a  thachair  air  ri  Hnn  a'  chogaidh  agus 
gnothach  aige  riutha  mar  mhinistear-airm, 
ach  mar  an  ceudna  balaich  nan  sgkean 
Gaidhealach — ^air  G^idhealtachd  agus  air 
GaUdachd,  gu  ire  mhoir,  tha  an  oigridh  an 
taobh  a  mach  de'n  eaglais.  Chan  e  mhain 
an  oigridh,  ach  roinn  mhor  de'n  t-sluagh 
gu  h-iomlan.     Ciod  as  aobhar  ? 

Tha  barrachd  is  aon  aobhar  air  an  so. 
Tha  saoghal  ar  latha-ne  Ian  de  bheachdan 
meaUta  a  tha  an  deidh  draoidheachd  a  chur 
air  a'  mhor-shluagh  ;  tha  na  seann  bhun- 
aitean  air  an  crathadh  gu  mor  leis  gach 
deuchainn  is  ^mhghar  a  thainig  air  an  t- 
saoghal  san  hnn'  so  fhein  ;    tha  tomhas  de 


choire  r'a  chur  as  leth  nan  eaglaisean  agus 
nam  ministearan  fhein  ;  agus,  os  cionn  gach 
ni  eile,  tha  an  naimhdeas  nadurra  a  tha  an 
cridhe  an  duine  an  aghaidh  Dhe  agus  na 
bhuineas  do  Dhia.  Is  e  an  t-aobhar  mu 
dheireadh  so  a  chuirinn-sa  air  thoiseach, 
agus  ma  ni  sinn  sin  chi  sinn  nach  'eil  anns 
a'  mhor-chuid  de  na  h-aobhair  eUe  ach 
leisgeulan. 

Teagasg  simplidh 

Dh'fhaodamaid  da  thaobh-duilleig  a  lion- 
adh  le  na  h-aobhair  is  na  leisgeulan  a  tha 
tighinn  eadar  an  duine  agus  a  dhleasanas 
d'a  Dhia,  ach  dh'iarrainn  an  drasda  beagan 
a  radh  mu'n  aobhar  shonraichte  a  thog 
ar  caraid  a  sgriobh  mu  "  Dhubh-fhocaU." 
Is  e  sin,  gu  bheil  motan  de'n  oigridh  a' 
seachnadh  na  h-eaglais  a  chionn  's  nach 
'eil  iad  a'  tuigsinn  cainnt  na  ctibaid. 

Thuirt  feaUsanach  uair-eigin,  ma  tha  cus- 
pair  sam   bith   doirbh  r'a   thuigsmn,   gum 


DUBH-FHOCAIL  IS  CAINNT  SHIMPLIDH 


faod  dk  aobhar  a  bhith  air  sin.  Air  an  aon 
l^imh,  tha  e  do-thuigsinn  a  chionn  's  gun 
d'fhkilnich  air  an  neach  a  tha  labhairt  no 
sgriobhadh  a  dheanamh  simpKdh  ;  no,  air 
an  laimh  eile,  tha  e  do-thuigsinn  a  chionn 
's  gu  bheil  an  cuspair  ann  fhein  cho  diomhair 
agus  cho  dorcha  agus  nach  gabh  a  dheanamh 
simpKdh.  An  deidh  na  h-uile,  cha  ruig  sinn 
a  leas  duil  a  bhith  againn  gun  tuig  inntinn 
chriochnach  thahnhaidh  an  duine  ruintean 
neo-chriochnach  agus  siorruidh  an  Ti  as 
ro-^irde.  "  An  urrainn  thusa  le  rannsach- 
adh  Dia  fhaghail  a  mach  ?  an  urrainn  thu 
an  t-Uile-chumhachdach  fhaghail  a  mach 
gu  h-iomlan  ?  (lob  xi,  7). 

Chan  'eil  teagamh  sam  bith  nach  bu  choir 
luchd-teagaisg  agus  searmonaichean  barrachd 
oidhirp  a  dheanamh  gus  an  cuid  teagaisg 
a  dheanamh  cho  simplidh  's  is  urrainn. 
Tha  eagal  orm  gum  bi  sinne  gu  h-ard  sa' 
chrannaig  ro  thric  a'  dorcha chadh  comhairle 
le  briathran  gun  eolas.  B'fhada  bhuaith 
sin  doigh  is  cleiachdadh  an  Tighearna  losa 
mar  fhear-teagaisg.  Chan  e  mh&in  gu  robh 
a  theagasg  le  iighdarras  agus  le  cumhachd 
ach  bha  e  air  a  chur  an  ceill  air  a  leithid 
de  dhoigh  's  gun  d'eisd  an  sluagh  cumanta 
ris  le  toileachas.  Bha  e  comhradh  mu 
nithean  diomhair,  ach  chuir  e  dreach  na 
simphdheachd  orra.  Is  e  sin  sar-chomh- 
arradh  an  deagh  shearmonaiche. 

Cuid  an  t-sluaigh 

Ach,  fhathast,  tha  taobh  eile  air  a'  chuis. 
Feumaidh  an  sluagh  iad  fhein,  agus  an 
oigridh  gu  sonraichte,  oidhirp  a  dheanamh 
ma  tha  iad  dol  a  ghreimeachadh  air  an  t- 
se6rsa  chuspairean  a  tha  e  mar  fhiachaibh 
air  an  eaglais  a  bhith  teagasg.  Bithidh 
m^thair  air  uairean  ag  cagnadh  a'  bhidh 
a  tha  i  ag  cur  am  beul  an  leinibh  bhig,  ach 
tha  6  moran  nas  fhe^rr  do'n  leanabh  mas  e 
biadh  a  fhreagras  air  a  theid  a  chur  fa 
chomhair,  agus  deanadh  e  cagnadh  air  a 
shon  fhein.  Bu  choir  dhuinne  a  bhios  a' 
searmonachadh  ar  teagasg  uUachadh  air 
a  leithid  de  dhoigh  's  gum  freagair  e  air 
feum  is  c^il  is  comas  an  t-sluaigh,  ach 
feumaidh  an  sluagh  a  chagnadh  agus  a 
chnuasachadh  air  an  son  fhein. 

Chaidh  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  a 
thogail  mar  eisimpleir  air  an  t-seorsa  thea- 
gaisg  a  tha  'na  thur  dhorchadas  do  shluagh 
ar  latha-ne.  Is  fior  sin,  ach  mo  thruaighe 
gur  fior !  Chan  abrainn-sa  gu  bheil  Leabhar 
Aithghearr  nan  Ceist  iomlan  agus  gun  smal, 
ach  is  math  an  duine  a  dh'fheuchas  ri 
leabhar  nas  fhearr  de'n  t-se6rsa  a  chur  ri 
cheile.     Fad    linntean    bha    an    Leabhar- 


Cheist  air  meomhar  sluagh  na  h-Albann, 
agus  cha  bu  mhisde  iad  sin.  Tha  Leabhar 
nan  Ceist  a  nis  air  an  sgeilpidh,  agus  cha 
d'fhuaras  dad  eile  a  chuireamaid  'na  ^ite. 
Dh'fhag  e  beam  nach  deach  fhathast 
a  lionadh. 

Car  son  a  tha  Leabhar  nan  Ceist  'na 
leabhar  dtiinte  do  shluagh  ar  latha-ne  ? 
Nach  ann  a  chionn  's  gu  bheil  am  BiobuU 
fhein  'na  leabhar  diiinte  do'n  chuid  mhoir 
aca  ?  Is  ann  air  bunait  nan  Sgriobturan 
agus,  gu  ire  mhoir,  ann  am  briathran  a' 
Bhiobuill,  a  chuireadh  Leabhar  nan  Ceist 
ri  cheile,  agus  chan  'eil  moran  feum  ann 
an  Leabhar  nan  Ceist  mur  'eil  eolas  againn 
an  toiseach  air  a'  BhiobuU  fhein.  Agus 
ma  tha  eolas  againn  air  a'  Bhiobull,  chan 
'eil  nas  fhearr  na  Leabhar  Aithghearr  nan 
Ceist  gu  bhith  cur  far  comhair  gu  gearr  agus 
gu  h-6rdail  priomh-steidhean  a'  Chreidimh 
Chriosdad. 

Aineolas  air  Facal  Dhe 

Is  e,  mar  sin,  aineolas  air  Facal  Dhe 
fhein  an  cnap-starradh  mor.  Agus  ciamar 
a  theid  againn  air  so  a  thogail  as  an  rathad  ? 
Sin  a'  cheist  mhor.  Faodaidh  sinn  comh- 
airle a  thoirt  air  an  t- sluagh  am  Biobuli  a 
leughadh,  ach  's  e  gle  bheag  dhiubh  a  bhios 
an  lathair  gus  a'  chomhairle  t  chluinntinn, 
agus  dhiubh  sin  's  e  gle  bheag  a  theid  do'n 
dragh  an  leabhar  naomh  fhosgladh.  Na 
daoine  a  tha  gu  tur  aineolach  air  a'  Bhiobull 
chan  fhosgail  iad  e  gus  an  tig  e  gu  laidir 
a  steach  orra  gu  bheil  rud-eigin  anns  an 
leabhar  so  air  a  bheil  iad  ag  cur  feum  a. 

Bhiodh  e  'na  chuidej  chadh  mor,  saoilidh 
mi,  nan  robh  searmonaichean  ag  cumail 
nas  dltiithe  na  tha  moran  dhiubh  ris  a' 
Bhiobull  mar  steidh  an  teagaisg  agus  ri 
cainnt  a'  Bhiobuill  mar  '  mheadhon  an 
teagaisg. 

"  Gun  ta,"  arsa  feadhainn,  "  nach  'eil 
am  Biobuli  Ian  de  fhacail  mar  a  tha  difeadh 
is  maii^eanas  is  fireanachadh  is  naomhachadh 
is  uchd-mhacachd  ?  "  Nach  bu  choir  dhuinn 
ainmean  tira  fhaighinn  an  aite  nan  seann 
fhacal  do-thuigsinn  sin  ?  Ach  tha  na  facail 
sin  a'  seasamh  air  son  fhiosrachaidhean 
sonraichte,  agus,  ma  bheir  thu  ainmean  eile 
orra,  chan  'eil  mise  idir  cinnteach  gum  bi  an 
gnothach  dad  nas  soilleire  do'n  luchd- 
eisdeachd.  Is  iomadh  leabhar  a  leugh  mise 
anns  an  d'rinneadh  oidhirp  air  fiosrachaidh- 
ean  diomhair  an  anma  a  chur  fo  ainmean 
"briagha  ura,  ach  's  fhearr  leam  fhein  na  seann 
ainmean,  na  h-ainmean  a  tha  Facal  Dhe 
fhein  a'  toirt  orra.  Bhiodh  e  moran  na 
b 'fhearr,  saoihdh  mi,  nan  gleidheamaid  na 


DUBH-FHOCAIL  IS  CAINOT?  SHIMPLIDH 


seann  ainmean  sin  (ainmean  a'  Bhiobuill 
agus  Leabhar  nan  Ceist),  agus  nam  feueh- 
■  amaid  ri  am  mineachadh  agus  an  soilleir- 
eachadh,  mar  a  tha  am  Biobull  fhein  'gan 
soilleireachadh  agus  'gam  mineachadh.  Anns 
an  doigh  sin,  cha  bhiodh  na  facail  sin 
tuilleadh  'nan  dubh-fhocail ;  bhiodh  iad 
mar  fhacail  Dhe,  facail  a  tha  beo  agus 
cumhachdach  agus  a'  toirt  breith  aj:  smuain- 
tean  is  rilintean  a'  chridhe. 

Cosmhalachdan  Chriosd 

Cha  dubhairt  sin  nach  fhaodamaid  iomadh 
rud  a  thogail  o  chainnt  agus  o  bheachdan 
sluagh  ar  latha-ne  gu  bhith  cur  soluis  air  ar 
teagasg.  Is  ann  bho  ghnothaichean  na 
beatha  laitheil  a  thog  Criosd  fhein  a'  mhor- 
chuid  de  na  cosamhlachdan  agus  na  samh- 
laidhean  a  chleachd  e  'na  theagasg — 
fuinearain  is  lasadh  lampaichean,  obair- 
chaorach,  obair-iasgaich,  a'  chlann  bheag  ag 
cluich  air  an  t-sraid,  boirionnach  ag  cur 
tuathaig  air  seann  aodach.  Sin  nithean 
air  an  robh  daoine  eolach,  agus  troimh  na 
nithean  sin  theagaisg  Criosd  mu  nithean 
diomhair  Dhe.  Nam  b'ann  an  diugh  a  bha 
Criosd  san  fheoil  air  thalamh,  tha  mi  gle 
chinnteach  gun  togadh  e  iomadh  cosamh- 
lachd  is  iomadh  samhladh  a  cleachdaidhean 
is  a  doighean-oibreach  ar  latha-ne,  Ann  a 
bhith  labhairt  ri  meinnearan-guail  no  ri 
luchd-togail  bh^taichean  no  ri  luehd  nan 
treanaichean  's  nan  carbadan-ola  's  nan 
itealan  no  ri  luchd-oibreach  gach  acfhuinn 
is  beairt  innleachdaich  a  th'ann,  is  cinnteach 
gum  faigheadh  e  ann  an  obair  laitheil  gach 
seorsa  nithean  a  chuireadh  e  gu  feum  ann 
a  bhith  foillseachadh  do  dhaoine  riin  Dhe. 
lonnsaicheamaid    bhuaith-san, ' 

Sin,  mata,  doigh  anns  am  faod  an  sear- 
monaiche  nithean  domhain  Dhe  a  dheanamh 
nas    simphdhe    dhaibh-san    a    tha    san 
eisdeachd. 

Oidhirp  ri  dheanamh 

Ach  feumaidh  an  sluagh  fhein  oidhirp 
a  dheanamh,  mar  a  thuirt  mi.  Ma  tha  agam 
ri  dhol  do'n  Fhraing  agus  ma  tha  dhith  orm 
cainnt  na  Frainge  a  thuigsinn,  feumaidh 
mi  oidhirp  a  dheanamh  air  na  dh'fhoghnas 
de'n  Fhraingeis  ionnsachadh.  Ma  tha^  mi 
ag  ionnsachadh  na  dota,ireachd,  thig  mi 
tarsainn  air  moran  fhacal  iira  a  bhios  doirbh 
dhomh  an  toiseach,  ach  feumar  an  ionnsach- 
adh agus  an  tuigsinn.  Tha  e  doirbh  dhomhsa 
a  thuigsinn  ciamar  a  rachadh  aig  ar  sinn- 
searan  an  Albainn,  eadhon  an  sluagh  cumanta 
aig  nach  robh  leth-uibhir  sgoile  's  a  tha  aig 
sluagh  cumanta  ar  latha-ne,  air  a'  BhiobuU 
agus  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  a  thogail 


air  am  meomhar,  ma  tha  e  failneachadh  air 
sluagh  an  Unn  so  sin  a  dheanamh.  'S  e  as 
aobhar,  chan  e  nach  urrainn  do  shluagh  ar 
latha-ne  ach  nach  'eil  toil  aca.  Tha  a' 
mhor-shluagh  air  fas  leisg  'nan  inntinnean. 
Tha  moran  de  na  paipearan-naidheachd 
agus  tighean-nan-dealbh  agus  eadhon  caob 
mor  de  na  chluinnear  air  an  radio  air  inn- 
tinnean dhaoine  mhiUeadh  gus  nach  'eil  de 
luths  'nan  inntinnean  a  leughas  leabhar 
as  fhiach  a  leughadh. 

Cluinnear  gu  trie  an  gearan  gu  bheil 
cainnt  a'  Bhiobuill  'na  cainnt  dhorcha  do 
shluagh  ar  latha-ne.  'S  docha  gu  bheil  so  an 
tomhas  fior  mu'n  Bhiobull  Bheurla,  ach 
cha  chanainn  gu  bheil  e  fior  mu'n  BhiobuU 
Ghaidhlig,  agus  a  thaobh  a'  Bhiobuill 
Bheurla  tha  am  pailteas  de  dh'eadar- 
theangachaidhean  tira  againn  a  chuireas 
solus  ur  air  iomadh  earrann. 

Dearmad  air  a'  Bhiobull 

Is  e  gnothach  truagh  a  th'ann  gu  bheil 
a'  mhor-chuid  a'  deanamh  dearmaid  air  a' 
Bhiobull,  agus  is  iomadh  neach  a  dh'fhuiling 
priosan  is  masladh  is  plan  is  bas  anns  na 
linntean  a  dh'aom  ann  a  bhith  cosnadh  cead 
is  saorsa  Facal  Dh^  a  leughadh  agus  a 
leantainn.  Ach  nach  ann  mar  sin  a  tha! 
Tha  moran  de  shochairean  is  de  bheannach- 
dan  an  t-sluaigh  chumanta  an  diugh  an 
cunnart  a  bhith  air  an  call  le  dearmad  is 
cion-smuain,  ach  b'ann  le  luach  fa  la  a 
cheannaicheadh  's  a  chosnadh  na  sochairean 
agus  na  beannachdan  sin  an  toiseach.  Chan 
e  mh^in.  gu  bheil  daoine  an  diugh,  an  tomhas 
mor,  aineolach  air  a'  Bhiobull,  ach  tha  iad 
aineolach  air  iomadh  ni  eile  a  tha  luachmhor. 
Is  e  am  BiobuU  an  leabhar  os  cionn  gach 
leabhair,  ach  chan  e  an  t-aon  leabhar 
luachmhor  a  th^tar  a'  dearmad  an  diugh, 
Agus,  ma  tha  na  h-eaglaisean,  no  moran 
dhiubh,  gu  math  falamh,  tha  iomadh 
coinneamh  eile  ann  a  tha  chum  maith 
dhaoine  ach  nach  'eil  idir  a'  tarraing  dhaoine 
d'an  ionnsaigh. 

Tha  tri  dleasanasan  mora  fa  chomhair 
gach  neach  :  dleasanas  do  Dhia,  dleasanas 
d'a  dhuthaich,  is  dleasanas  d'a  chomh- 
chreutariean.  Ma  tha  an  oigridh  gu  ire 
mhoir  a'  seachnadh  an  dleasanais  do  Dhia, 
chan  fhaic  mise  comharradh  gu  bheil  iad  dad 
nas  dichiollaiche  'nan  dleasanas  do'n  diith- 
aich  no  do'n  comh-chreutairean.  An  cun- 
nart cogaidh  bha  a'  mh6r-chuid  daingean 
'nan  dleasanas  d'an  diithaich,  cuid  d'an 
deoin  agus  cuid  air  an  comh-eigneachadh. 
Tha  an  cogadh  seachad,  ach  tha  na  dleas- 
anasan fhathast  far  comhair.    Tha  oigridh 


EILEAN  MO  GHAOIL 


ann  a  tha  dileas  do'n  na  dleasanasan  sin, 
ach  am  bitheantas  is  iad  an  oigridh  a  tha 
cuimhneachail  air  an  dleasanas  do  Dhia 
a  tha  saothrachaU  'nan  dleasanas  d'an 
dtithaich  agus  d'an  comh-chreutairean. 

Tha  oidhirpean  'gan  deanamh  an  ceartair 
air  sluagh  na  duthcha  a  chur  'nam  faireach- 
adh  a  thaobh  eigin  na  rioghachd  againn, 
ach  's  e  tils  a'  ghliocais  eagal  Dhe  agus  's 
e  fireantachd  a  mh^in  a  dh'ardaicheas 
rioghachd  ;  agus  gus  an  toisich  a'  mhor- 
shluagh  air  rioghachd  Dhe  agus  fhirean- 
tachd-san  iarraixUi  air  tiis,  is  truagh  a  bhios 


sinn.  Cha  robh  riamh  linn  ann  amis  an 
robh  a  leithid  de  dhearbhachd  againn  's  a 
tha  againn  an  diugh  gur  e  a  th'anns  a' 
BhiobuU  Facal  Dhe  agus  gur  ann  a  gheibhear 
fuasgladh  gach  ceist  as  diomhaire.  Ciod 
air  bith  an  seorsa  meabanachaidh  a  tha 
sinne,  mar  shearmonaichean,  'nar  laige  agus 
'nar  n-aineolas  agus  'nar  n-uabhar  a' 
deanamh  air  an  t-Soisgeul,  cha  robh  e  riamh 
cho  soUlier  no  cho  freagrach  's  a  tha  e  air 
cor  an  t-saoghail  agus  cor  gach  duine  fa  leth. 

Feuchamaid  ris  na  dubh-fhocail  a  dhean- 
amh  'nam  briathran  beothachaidh . 


Eilean  mo  ghaoil 

Eilean  mo  ghaoil, 

Is  caomh  learn  eilean  mo  ghraidh. 


AON  eilean  agus  aon  sluagh,  sluagh  uasal 
agus  sluagh  laidir  ;  laidir  's  a'  cheann  ach 
a  cheart  cho  laidir  'n  am  misneach  agus  'n 
an  ceartas  agus  'n  an  gaol  air  saorsa,  sin 
agad  Breatunn.  Ged  tha  crioch  eadar 
Sasunn  agus  Alba,  is  aon  sluagh  iad  mar 
nach  bi  America  no  Ruisia  gu  brath  'n  an  aon 
sluagh.  An  uair  a  thachras  ni-eigin  anns 
an  t-saoghal  a  chuireas  inntinn  is  coguis 
dhaoine  air  ghluasad  is  e  an  aon  bhreith 
no  an  aon  bhinn  a  bhios  air  a  tabhairt  le 
ciobair  ann  an  Cataibh,  iasgair  an  Obar- 
eadhain,  gualadair  am  Fiobh,  geamair  an 
Cumberland,  seoladair  an  Liverpool,  tuath- 
anach  an  Devon,  no  marsanta  an  Lunnainn. 
Gun  co-bheinn  air  bith  a  bhi  eatorra  thig  iad 
a  dh'ionnsuidh  an  aon  cho-dhimaidh  a 
thaobh  chuisean  is  cheistean  anns  a  bheil 
moraltachd  agus  «uairceas  agus  ceartas  air- 
am  filleadh  a  steach.  Co  dhiubh  a  tha  annta 
Diuc  no  drobhair,  saor  no  cleireach  no  maigh- 
stir-sgoile,  fear-Parlamaid  no  fear-teagaisg,' 
no  bean-tighe,  is  ann  leis  na  h-aon  toimhsean 
a  bhios  iad  a'  tomhas,  agus  is  e  na  h-aon 
nithean  a  tha  ceart  agus  urramach  'n  an 
stiilean.  Is  e  an  t-aobhar,  gu  bheil  ceudan 
bliadhna  de  dh'eachdraidh  uasal  air  an  cul 
agus  ceudan  bUadhna  de'n  Chreideamh 
Chriosduidh. 

Chan  'eil  an  aonachd  so  ann  an  America 
no  ann  an  Ruisia.  A  mach  o'n  stoc  mhaith 
a  chaidh  do  America  as  an  diithaich  so  chan 
'eil  eachdraidh  no  Creideamh  aig  America 
a  tha  'g  an  tathadh  ri  cheile,  agus  cha  mho 
a  tha  an  aon  fhuil  annta.  Tha  barrachd 
sheorsachan  dhaoine  air  tuineachadh  agus 
siolachadh  an  America  na  bha  ann  an 
Jerusalem    air    la    na    Cuingis ;     Suainich, 


Ruisianaich,  Polaich,  Gearmailtich,  Eadaii- 
tich,  ludhaich,  daoine  as  gach  dtithaich  air 
thalamh,  gun  cheangal  eatorra  ach  gu'n 
d'fhuair  iad  ann  an  America  obair  agus 
dachaidh,  beo-shlaint  agus  saorsa.  Ach  chan 
urrainn  dhuit  a  bhi  cinnteach  gur  e  an  aon 
''nntinn  agus  an  aon  choguis  a  thaobh  cuis 
air  bith  a  bhios  aig  fear-lagha  ann  am 
Pennsylvania,  fear-spreidhe  ann  an  Colarado, 
osdair  ann  an  Chicago,  no  buachaille  ann  an 
Texas. 

Ach  ma  tha  full  America  measgta  agus 
freumhaichean  an  eachdraidh  agus  an 
cleachdaidhean  ann  an  ceud  aite  eile  seach 
ann  an  America  ciod  a  theirear  mu  Ruisia, 
far  a  bheil  uiread  threubhan  agus  uiread 
sheorsachan  dhaoine  's  gu'm  feumar  na 
leabhraichean-sgoile  aca  a  bhi  air  an  sgriobh- 
adh  ann  an  ochd  fichead  canain.  Ged  a 
bhios  sinn  a'  bruidhinn  mar  gu'm  b'e  aon 
sluagh  no  aon  rioghachd  a  tha  ann  an 
Ruisia  tha  treubhan  ann  an  Ruisia  cho 
eadar-dhealaichte  o  cheile  's  nach  'eil  an 
aon  iomhaigh  orra  idir,  Ruisianaich  gheala, 
Ukrainaich,  Mongols,  agus  stuic  eile  nach 
buin  idir  do'n  Roinn-Eorpa  ach  do'n  Asia. 
Chan  'eil  aonachd  inntinn  no  coguis  ann  an 
Ruisia  ach  an  inntinn  a  tha  air  a  chur  innte 
le  bata  buidhe  Stalin. 

Diithaich  gun  saorsa 

Chan  'eil  eachdraidh  aig  Ruisia  mar  tha 
aig  Breatunn ;  o'n  treasa  linn  deug  bha 
Parlamaid  is  cuirtean-lagha  is  sgoilean  is 
eaglaisean  air  an  steidheachadh  ann  an 
Sasunn,  a'  cothachadh  air  son  ceartais  agus 
saorsa,  agus  uidh  ar  n-uidh  a'  daingneachadh 
anns  an  tir  na  nithean  a  tha  sinn  a'  cunntas 
priseU  an  diugh  ann  am  beatha  dhaoine. 


6 


EILEAN  MO  GHAOIL 


Ach  cha  robh  sin  ann  an  Ruisia  ;  cho 
dluth  d'ar  latha  fhein  ri  1860,  an  uair  a 
bha  Banrigh  Victoria  air  a'  Chrun,  bha  a' 
mhor-chuid  de  mhuinntir  Ruisia  'n  an 
traillean,  gun  fhonn,  gun  fhearann,  gun 
sgoil,  gun  eolas,  gun  saorsa.  Bhuineadb  iad 
do'n  uachdaran  a  bha  iad  air  an  fhearann 
aige  mar  a  bhuineadh  crodh  is  eich  is  caoraich 
dha.  Chan  fhaodadh  iad  fhagail  gun  a 
chead,  ach  dh'fhaodadh  esan  iadsan  a  reic 
gun  an  cead-san  iarraidh.  An  uair  a  bha 
iad  air  an  saoradh  b'fheudar  do'n  lompaire 
pris  a  phaigheadh  do  aon  uachdaran  air  son 
corr  agus  da  rahiiillean  traill. 

Tha  iomadh  ceum  aig  Ruisia  ri  choiseachd 
fhathast  m'an  ruig  i  an  aonachd  no  an 
t-saorsa  a  tha  ann  am  Breatunn  o  chionn 
iiine  fhada,  no  m'an  ruig  i  an  ire  ann  an 
ealain-riaghlaidh  air  an  do  rainig  Breatunn. 
Chan  ann  a  chur  sios  air  Ruisia  a  tha  mi  ag 
radh  so,  ach  a  chur  an  cuimhne  mo  luchd- 
duthcha  nach  'eil  aobhar  aca  amharus  a 
bhi  aca  gur  e  Breatunn  a  tha  cearr  agus 
rioghachdan  eile  a  tha  ceart  an  uair  nach 
urrainn  iad  cordadh  mu  Chiimhnant-sith 
na  h-E6rpa.  Coma  leam  daoine  a  bhios  a' 
cur  sios  air  an  duthaich  fhein,  co  dhiubh 
is  e  Mghr  Attlee  no  Mghr  Churchill  a  tha 
air  a  ceaim. 

Eilean  mo  ghaoil, 

Is  caomh  leam  eilean  mo  ghraidh. 

Tha  de  dh'earbsa  agamsa  ann  an  ceartas, 
ann  an  gliocas,  ann  an  suairceas  Bhreatuinn, 
's  nach  biodh  eagal  orm  nach  deanadh  i 
Cumhnant-sithe  leatha  fhein  a  bhiodh  na 
b'fhearr  na'm  fear  a  bhios  air  a  dheanamh 
air  a  cheann  mu  dheireadh. 


Briathran,  briathran,  briathran  ;  bruidhinn, 
bruidhinn,  bruidhinn  ;  coinneamh  an  deidh 
coinneimh,  agus  gun  dad  a'  tighinn  asda  ach 
gu  bheil  an  saoghal  a'  faicinn  cho  duilich  's 
a  tha  e  do  dhaoine  nach  'eil  de'n  aon  inntinn 
no  de'n  aon  choguis,  no  de'n  aon  ghne, 
cordadh  mu  chuis  air  bith  anns  a  bheil 
ceartas  agus  moraltachd  agus  gean-maith 
air  am  filleadh  a  steach. 

Chan  'eil  dochas  air  bith  agam  gu'm  bi 
Bann-sithe  air  a  dheanamh  ris  a'  Ghearmailt 
a  mhaireas  na's  mo  na  mhair  an  te  mu 
dheireadh,  oir  tha  e  furasda  gu  leoir  fhaicinn 
gu  bheil  e  an  inntinn  agus  an  cridhe  nam 
Polach,  nan  Ruisianach,  agus  nam  Frangach , 
gioUachd  a  dheanamh  air  a'  Ghearmailt 
nach  deanadh  Breatunn  oirre  na'n  robh 
saorsa  a  toile  aice. 


Chan  e  nach  do  thoill  a'  Ghearmailt  a 
bhi  air  a  peanasachadh  gu  trom,  ach  ma's  e 
is  deireadh  do'n  pheanasachadh  sin  gu'n 
aobharaich  e  cogadh  eile  an  da  fhichead  no 
leth-cheud  bliadhna,  am  biodh  e  glic  dhaibh 
a'  Ghearmailt  a  reubadh  agus  a  sptiileadh 
agus  a  narachadh  gus  nach  biodh  dad  eile 
air  a  h-aire  ach  dioghaltas  air  a  naimhdean 
agus  aicheamhail  a  thoirt  a  mach. 

Tha  na  GearmaUtich  'n  an  sluagh  lionmhor 
agus  laidir  agus  chan  ann  le'n  cumaU  sios 
a  ruigear  air  sith  mharsainneach  ach  le 
reite  a  dheanamh  riu.  Chan  e  magadh 
dhaoine  eile  orra,  no  trod  dhaoine  eile  riu, 
no  comhairle  no  smachd  dhaoine  eile,  a 
chuireas  a  mach  asda  an  droch  spiorad  a 
chuir  Hitler  agus  na  Nasis  annta  ach  meomh- 
raehadh  an  inntinn  fhein  air  an  sgrios  agus 
an  tamailt  a  leig  iad  air  an  dtithaich  a 
chionn  gu  robh  iad  cho  faoin  's  gu'n  d'eisd 
iad  ri  Ceann-iuil  a  bha  ion  's  as  a  chiall  le 
fuath  is  farmad  is  uaill,  duine  d'an  d'thug 
iadsan  ughdarras  is  cumhachd,  ged  bha ' 
amharus  aca  fad  na  h-tiine  nach  d'thug 
Dia  gliocas  dha. 

Chan  'eil  e  furasda  do  rioghachd  air  bith 
saorsa  a  toile  agus  a  coguis  a  ghleidheadh 
an  uair  a  theid  i  ann  an  co-bheinn  ri  riogh- 
achdan 6ile.  Sin  an  t-aobhar  nach  toigh 
leam  gu'm  biodh  an  duthaich  so  air  a  ceangal 
gu  teann  le  Alliances  ri  rioghachdan  eile 
nach  'eil  coltach  ruinn  fhein  'n  am  breith- 
neachadh  no  'n  an  gne,  no  'n  an  coguis. 
Theagamh  nach  gabh  Alliances  seachnadh 
anns  na  droch  laithean  so,  ach  ma  tha 
seorsa  de  thearuinteachd  annta  tha  cunnart 
annta  cuideachd,  is  tha  cuimhne  agam  nach 
b'urrainn  do  Bhreatunn,  uair  no  dha,  eadar 
1920  agus  1932,  lamh  chairdeil  a  shineadh 
do  'n  Ghearmailt  mar  bu  mhaith  leatha  a 
dheanamh,  a  chionn  gu  robh  i  ann  an 
co-bheinn  ris  an  Fhraing. 

Eilean  mo  ghaoil, 

Is  caomh  leam  eilean  mo  ghraidh. 

B'  olc  an  airidh  gu'm  biodh  Breatunn  air 
a  cuing-cheangal  gu  neo-chothromach  ri 
rioghachd  no  rioghachdan  nach  'eil  coltach 
rithe.  Tha  America  agus  i  fhein  a.'  tuigsinn 
a  cheile  a  chionn  gu  bheil  tomhas  maith  a 
dh'aonachd  eatorra  'n  an  duthchas,  'n  an 
eachdraidh,  'n  an  cleachdaidhean,  agus  'n  an 
cainnt,  ach  c6  a  theireadh  gu  bheil  Breatunn 
agus  Ruisia  a'  tuigsinn  a  cheile,  no  gur  ann 
a  dh'ionnsuidh  an  aoin  cheann-uidhe  a 
tha  iad  ag  iarraidh  ? 


Si6lagan 

{air  a  leanfuinn) 


lob  iv.  4—  "  Esan  a  bha  tuiteam  chtmi 
do    bhriathran   suas." 

Tha  Moffatt  'ga  chur  :  "  Chum  do  bhriath- 
ran daoine  air  an  casan  no  'nan  (seasamh)." 
Is  mor  a'  bhuaidh  a  th'aig  facal.  Bheir 
facal  misneach  agus  ni  facal  aimhreit.  Tha 
facail  ann  a  tha  mar  ghathan  soluis,  agus 
tha  facail  ann  a  tha  mar  phuinnsean.  "  Mar 
uisgeachan  fuara  do'n  a  nam  thartmhor, 
mar  sin  tha  deagh  sgeul  k  tir  chein  "  {Gnath- 
fhocail,  XXV.  25).  Ciod  air  bith  ar  beachd 
air  Mgr.  Churchill,  cha  ghabh  aicheadh  gu 
robh  misneach  is  tirachadh  spioraid  'na 
bhriathran.  Ann  an  laithean  dor  cha  is 
cunnartach  chtim  a  bhriathran  daoine  'nan 
seasamh  ris  an  namhaid  ;  chtim  e  sinn  air 
ar  casan.  Ach  's  ann  mu  Fhac^-l  Dhe  fhein 
is  fu-inniche  so.  Am  briathran  Dhe  tha 
neart  is  spionnadh,  a'  togaU  an  deoiridh  o'n 
dusd  agus  am  bochd  o'n  otrach  bhreun. 

Eoin,  V.  13—  "  Cha  robh  fhios  aig  aa  ti 
a  shl^naicheadh  c6  e  ;  oir  chaidh  losa  as  a 
sheaUadh,  air  do  mhor-shluagh  bhith  anns 
an  aite." 

Tha  an  saoghal  an  diugh  Ian  de  na  bean- 
nachdan  agus  de  na  sochairean  a  shruth  bho 
Chriosd  agus  bho  a  Shoisgeul,  ach  tha  moran 
dhiubh-san  a  tha  sealbhachadh  nan  soch- 
airean sin  aineolach  air  c6  as  ughdar  dhaibh. 
Tha  daoine  ann  ag  Aicheadh  Dhe  agus  cuid 
a'  sabaid  'na  aghaidh,  ach  aig  a'  cheart  am 
tha  iad  a'  sealbhachadh  nam  beannachdan 
nach  biodh  Idir  ann  mur  b'e  gun  tainig 
Criosd  a  dh'ionnsaigh  an  t-saoghail. 

"  Chaidh  losa  as  a  shealladh,"  no,  air 
dhoigh.  eile,  "  dh'fhalbh  losa  hhuaith  gun 
fhios  da."  "  Comhla  ri  so  dti'fhaodamaid 
aireamh  earrannan  eile  a  thogail.  Breith 
xvi.  20— "  Mhosgail  Samson  as  a  chadal 
agus  thuirt  e,  Theid  mi  mach  mar  air  uairibh 
eile  agus  crathaidh  mi  mi  fhein  ;  oir  cha 
robh  fhios  aige  gun  •d'imich  an  Tighearna 
uaiih."  1  Righ  xx.  40 — "  Am  feadh  a  bha 
mi  a'  bith-dheanamh  (trang)  an  so  agus 
an  sud,  theich  e  bhuam."  Lucas  ii.  44 — 
"  Air  dhaibh  a  shaoUsinn  gu  robh  lose  sa' 
chuideachd,  dh'imich  iad,"  ach  bha  losa 
air  chall  orra.  'S  e  fiosrachadh  duilich  a 
tha  an  so  :  gum  biodh  daoine  le  cion-ciiraim 
agus  le  cion-faicUl  ag  call  lathaireachd  is 
companas  Chriosd,  agus  gun  fhios  aca  gun 
d'fhalbh  e  bbuapa.  Ann  an  drip  agus 
traingead    na     beatha    laitheil    bitheamaid 


faicilleach     nach     caill    sinn     lorg    air    ar 
Slanaighear. 

lerem  xxxvii.  17 — "  Dh'fheoraich  an  righ 
de'n  fh^idh,  Am  bheil  facal  sam  bith  ann 
bho'n  Tighearna  ?  Agus  thubhairt  leremiah, 
Tha." 

Tha  moran  dhaoine  an  diugh  ag  cur  na 
ceiste  so  a  bha  am  beul  an  righ.  "  Am  bheil 
facal  sam  bith  ann  bho  'n  Tighearna  ?  " 
Tha  sinn  an  so  measg  iipraid  is  ceo  ;  cha 
leir  dhuinn  an  t-slighe,  's  tha  uibhir  nithean 
ann  a  tha  do-thuigsinn  leinn.  A  bheil 
dad  aig  Dia  ri  radh  ruinn  a  bheir  treorachadh 
dhuinn  ?  Agus  so  an  fhreagairt :  THA. 
Rinneadh  am  Facal  'na  fheoU  agus  ghabh 
e  comhnaidh  'nar  measg,  agus  chunnaic 
sinn  a  ghloir,  Ian  grais  agus  firinn. 

Genesis  xl.  6-7 — 'Th^inig  Joseph  a  steach 
do'n  phriosan  sa'  mhadainn  agus  chunnaic 
e  gu  robh  buidealair  agus  fuineadair  Pharaoh 
dubhach,  agus  dh'fheoraich  e  dhiubh, 
"  Carson  a  tha  bhur  gnuis  cho  muladach 
an  diugh  1  "  Agus  thuirt  iad  ris,  "  Chunnaic 
sinn  aisling  agus  chan  'eil  neach  ann  a 
dh'eadar-mhmicheas  i."  Agus  thuirt  esan, 
"Nach  ann  o  Dhia  a  tha  gach  eadar-mhin- 
eachadh  ?  " 

Is  lionmhor  iad  an  diugh  a  tha  fo  dhragh  a 
chionn  nan  aislingean  is  nam  bruadaran 
a  tha  cur  iomagain  orra.  Tha  sinn  a' 
faotainn  seaUaidh  air  saoghal  iir  a  th^tar  a' 
feuchainn  ri  c^radh  ri  cheile  a  mach  a 
bristidhean  cogaidh,  saoghal  anns  am  bi 
ceartas  agus  fireantachd  agus  deagh-ghean. 
Ach  chan  'eil  an  aisHng  soilleir  ;  chan  'eil 
daoine  cinnteach  de  thig  as  gach  oidhirp 
is  ionnsaigh,  agus  mar  sin  tha  iad  dubhach. 
Is  e  dleasanas  na  h-eaglaise  a  bhith  a' 
mineachadh  aisHngean  na  beatha  ann  an 
solus  Firinn  Dhe,  a  bhith  deanamh  soilleir 
rian  nithean  a  tha  dor  cha,  a  bhith  toirt 
solus -itiil  do  dhaoine. 

lob  xxiii.  3— Thuirt  lob,  "  Och  gu  robh 
fios  agam  caite  am  faighinn  esan  (Dia), 
agus  gun  tiginn  a  dh'ionnsaigh  a  aite !  " 

Tha  an  fhreagairt  do  iarrtas  lob  ann  an 
gealladh  Chriosd,  "  Ge  b'e  aite  am  bheil 
dithis  no  triuir  air  an  cruinneachadh  an 
ceann  a  cheile  am  ainm-sa,  tha  raise  an  sin 
'nam  meadhon "  {Mata  xviii,  20).  Chan 
'eil  an  Tighearna  cho  fad  as  agus  a  bha  lob 
an  dtiil.  ladsan  a  dh'iarras  e,  gheibh  iad  e. 
Agus  dhearbh  lob  fhein  sin  air  a'  cheann 
tliall.  T.  M.  M. 


Marbh-rann  do  dh'aon  nighean  mathar 

Tha    doilgheas    mo    chxidh'    a'    sior    dhol  Bho'n  thugadh  tu  bhuam  tha  gruaim  air 

tharum  gach  1^,  aghaidh  gach  ait', 

'S  cha  ruig  mi  a  chaoidh  air  an  t-sith  's  air  'S   aite-falamh   'n  am   chridh'   nach   lionar 

an  t-sonas  a  bha,  tuilleadh  gu  brath, 

Oir  chaill  mi  mo  ghaol  's  chan  aotromaich  'Nuair  'bhios  mi  leam  fein  's  mi  reubta  's 

m'ealach  gu  brath,  m'anam  'ga  chradh, 

Gus  an  teid  mi  do'n  chill  's  an  sinear  mi  mar  Cha  tuig  ach,  mo  Dhia  am  pian  a  th'agam 

riut  a  ghraidh.  gach  trath. 

'S  ann  falamh  is  fuar  tha'n  saoghal  dhomhsa  Is  duUich  bhi  luaidh  air  an  stuamachd  a 

a  ghnath  bh'annad  ri  fas, 

Bho'n  thugadh  thu  bhuam,  mo  luaidh,  do'n  Bha   thu   cho   sitheil,   finealt,   is   geanail   a 

d'thug  mi  mo  ghradh,  ghnath, 

'S    ged    bhithinn     'ga     innse    le    sgiths    a  Trom  bbuailte  tha  mi  's  mo  chri'  tha  nis  air 

dh'oidhche  's  a  la,  a  sgain' 

Do'n  an  neach  nach  tuig  mi  cha  bhi  brigh  'S  gus  an  duinear  mo  shtiil  bidh  thu  ghaoil 

air  bith  dha  'n  am  chas.  air  m'aire  gu  brath. 

'S  iomadh  oidhcheieam  fein  'bhios  eigimi  mo  'Nuair   th^id  mi  an   null   a   ghaoil   far    'm 

chridh©  'g  am  chradh.  bheil  thusa  a'  t^mh, 

'S    aite-falamh    ri    m'thaobh    nach    lionar  Mar  lili  's  a'  chiiirt  gu  ctibhraidh  maiseach 

tuilleadh  gu  br^th,  ri  fas, 

Far  am  b'abhaist  do  m'ghaol  a  bhi  daonnan  Bithidh  sinne  mar  aon  's  cha  sgaoUear  sinn 

mar  rium  a  ghnath,  -  tuilleadh  le  bas, 

Tha  'n  a  lot  dhomh  tha  ciurta,  oir  's  e  'n  iir  Ann  an  comunn  a'  ghaoil  nach  caochail  idir 

an  diubh  leabaidh  do  thaimh.  's  nach  traigh, 

Ceud  soraidh  gu  buan  le  fuachd  is  doinnean 

an  t-saogh'l, 
Cha  bhi  an  so  bron  no  leon  na  mulad  na 

caoidh, 
'Nuair  a  theicheas  gach  sgail  's  a  bhristeas 

an  la  le  mor-shoills', 
Bithidh  an  leanabh  's  a  m^thair  a'  t^mh  an 

comunn  nan  naomh. 

Mathair  an  Scalpaidh  na  Hearadh. 


Laoidh  o'n  Bheurla 


Eiribh  an  aird,  0  chlann  an  Righ, 
Is  cuiribh  uaibh  bhur  ciiisean  f aoin  ; 
Thugaibh  gach  uile  bhuaidh  fo  chis 
Do  Righ  nan  Righ  bhur  Ceannard  caomh. 

Eiribh  an  aird,  tha  rioghachd  Dhe 

A'  feitheamh  gus  an  tig  an  la 

'S  an  coinnich  braithrean  ann  an  sith 

'S  gu'n  claoidhear  olc  le  cumhachd  graidh. 


Eiribh  an  aird,  0  chlann  an  Righ, 
Tha  eaglais  Dhe  'cur  feum  air  neart 
An  obair  trom,  'sibh  fein  gun  chli 
Eiribh — -an  ainm  Ard-Righ  nam  Feart. 

Eiribh  an  aird,  0  chlann  an  Righ, 
Is  leanaibh  ann  an  cos-cheum  Chriosd 
A  bhraithrean  sibh  's  a  chairdean  f  ior 
Eiribh  le  buaidh  gu  treun  's  gu  fial. 

Ruairidh  Ddmhnnllach,  Stedrnabhagh . 


Aireamh  7 


1947 


Ar  Fear-Coimhead 


Cha  tuit  eld  cadail  air  t'fhear-coimhead. 

Is  e  an  Tighearna  t'fhear-coimhead. 

Coimheadaidh  an  Tighearna  thu  o  gach  olc  ;    coimheadaidh  e  fanam, 

Coimheadaidh  an  Tighearna  do  dhol  a  mach  agus  do  theachd  a  steach. 

— Salm  121. 


NACH  bu  mh6r  agus  nach  bu  bheannaichte 
an  t-sith  a  thigeadh  a  steach  d'  ar  cridheachan 
na'n  deanamaid  greim  14idir  air  an  fhacal 
so,  t'fhear-coimhead !  Sia  uairean  ann  an 
aon  salm  ghoirid  tha  an  Salmadair  ag  rkdh 
gur  e  Dia  ar  fear-coimhead.  An  ionghnadh, 
ma  ta,  ged  bhiodh  earbsa  laidir  acasan  a 
tha  creidsinn  gu  bheil  iad  air  an  coimhead 
le  Dia  'n  an  dol  a  mach  agus  'n  an  teachd  a 
steach,  oir  tha  sin  a'  ciallachadh  "  do 
bheatha  uile." 

Thoir  an  aire  mar  tha  an  t-salm  a'  toiseach- 
adh :  Togaidh  mi  mo  shuilean  chum  nam 
heann  o'n  tig  mo  chabhair ;  thig  mo  chabhair 
o'n  Tighearna.  Seall  suas,  mata.  Chan 
'eil  feum  ann  dhuit  do  shiiilean  a  bhi  air  an 
talamh,  oir  ma  leanas  tu  air  do  shuilean  a 
chumail  air  an  talamh  chan  fhaic  thu  na 
neamhan,  agus  fasaidh  tu  de'n  talamh 
talmhaidh.  Ach  tha  an  Criosduidh  ag 
eirigh  le  bhi  a'  seaUtuinn  suas,  "  ag  amharc 
air  losa."  Chan  ann  uapa  fhein  a  tha  na 
beanntan  a'  labhairt  ri  daoine  ach  a  chionn 
gu  bheil  iad  a'  cur  an  Cruitheir'n  an  cuimhne 
agus  gu  bheil  ni-eigin  aiuita  a  tha  'g  an 
toirt  na's  dltiithe  do  Dhia. 

Suidhe  Artuir 

B'^bhaist  do  mhinistear  an  Dun-eideann 
a  bhi  ag  innseadh  d'a  bhraithrean  a  liuthad 
uair  a  thug  na  beanntan  a  tha  air  chul  a' 
bhaile  togail-cridhe  dha  an  uair  a  bha  e 
feumach  air  cabhair  o  shuas.  "  An  uair  a 
bhithinn,"  ars  esan,  "  fo  bhuaidh  cumh- 
achdan  an  t-saoghail,  agus  meata  gun 
mhisneach,  sheallainn  suas  air  a'  Chreig 
Mhoir  ud  mar  leoghann,  is  chluinninn  i  ag 
r^dh  rium  mar  thuirt  an  Salmadair  ris 
fhein,  "  Car  son  a  tha  thu  air  do  thilgeadh 
sios  o  m'anam  :    coimheadaidh  Dia  thu." 

Sin  mar  bha  Suidhe  Artuir  a'  labhairt 
ris  :  "  bhithinn  a'  faireachadh,"  ars  esan, 
"  nach  robh  aobhar  eagail  agam  na'n 
leiginn  mo  thaic  le  creideamh  ris  an  Dia 
uile-chumhachda ch,  oir  "mar  tha  na  beann- 
tan mu  thimchioll  Jerusalem,  mar  sin  tha 
an  Tighearna  mu  thimchioll  a  shluaigh." 


Thig  f  4s  agus  b^s  air  mac  an  duine  ach  chan 
atharraichear  na  beanntan  as  an  4ite.  Cha 
mho  a  thig  atharrachadh  air  Dia.  Air 
uairean  cha  bhiodh  Suidhe  Artuir  ri  fhaicinn 
idir,  an  uair  a  bhiodh  i  air  a  folach  le  ceo, 
ion  's  gu'n  saoileadh  tu  nach  robh  i  ann  idir, 
ach  cha  robh  sin  'na  chiiis  eagail  dha  oir 
bha  fhios  aige  gu'n  togadh  an  ceo  agus 
gu'n  tigeadh  a'  bheinn  'n  a  sheaUadh  a  ris 
Sin  mar  tha  an  creidmheach  agus  Dia. 
Tha  Dia  air  chill  nan  neul,  agus  ged  nach 
leir  dhuinn  a  l^mh  ag  oibreachadh  tha  e  'g 
ar  coimhead  fad  na  h-tiine.  Seall  suas,  ma 
ta,  tog  suas  do  chridhe,  oir  is  e  Dia  t'  fhear- 
coimhead. 

Cha  tuit  cadal  air  Dia 

Theagamh  nach  tuig  daoine  a  tha  luath 
laidir  a'  chomhfhurtachd  a  tha  anns  an 
fhacal  so,  "  Clia  tuit  eld  cadail  air  t'fhear- 
coimhead."  Ach  tha  comhfhurtachd  mh6r 
ann  do  dhaoine  a  tha  ann  an  droch  shl^inte 
no  air  an  claoidh  le  eagal  na  h-oidhche. 
Aig  am  sonraichte  an  uair  a  bha  anam 
Chriosd  fo  thrioblaid  agus  a  bu  mhaith  leis 
gu'm  fanadh  iad  'n  an  dtisgadh  c6mhla  ris, 
thuit  na  deisciobuil  'n  an  cadal.  Tha  e 
furasda  fhaicinn  gu  robh  fiughair  aige  ri 
rud  a  b'fhe^rr,  oir  thubhairt  e  ri  Peadar, 
"  An  ann  mar  sin  nach  b'urrainn  sibh  faire 
a  dheanamh  aon  uair  a  mh^in."  Ach  tha 
Dia  'n  a  dhtisgadh  agus  dltith  dhuinn 
daonnan ;  co  dhiubh  a  tha  thusa  'n  ad  chadal 
no  'n  ad  dhtisgadh,  co  dhiubh  a  tha  thu  air 
muir  no  tir,  tha  Buachaille  Israeli  'n  a 
dhtisgadh  ;  cha  sgithich  e  anns  an  fhaire 
a  tha  e  a'  deanamh  air  a  shluagh.  Nach 
laidir  agus  nach  blath  an  daimh  a  tha  eadar 
Dia  agus  a  shluagh ! 

An  uair  a  theid  sinn  air  cheaim  obair  an 
la,  theagamh  gu'n  saoil  cuid  againn  nach 
'eil  feum  againn  air  Dia  a  bhi  gabhail 
ctiraim  dhinn  no  'g  ar  coimhead.  Tha  feum 
againn  air  Dia  gun  sgur ;  mur  bi  Dia  air 
do  Ikimh  dheis  'n  a  t'uile  mhalairt,  mo 
thruaighe  do  mhalairt,  "  Mur  tog  Dia  an 
tigh,  gu  diomhain  saothraichidh  a  luchd-togail." 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Direach  mar  bha  am  fion  a  b'fhe^rr  air  a 
ghleidheadb,  gu  deireadh  ghleidh  an  Salm- 
adair  an  gealladh  as  farsuinge  agus  as 
priseile  gu  deireadh.  "  Coimhididh  an 
Tighearn  thu  o  gach  olc ;  coimhididh  e 
fanam  ;  coimhididh  an  Tighearna  do  dhol  a 
mach  agus  do  theachd  a  steach  o'n  am  so 
eadhon  gu  broth  J" 

Nach  arm  againn  a  tha  am  fear-coimhead  ! 


Sgith  agus  airtneulach  agus  air  do  bhuair- 
eadh,  ach  gUidhte.  Gleidhte  air  son  tim 
agus  siorruidheachd ! 

An  uair  a  bha  duine  diadhaidh  a'  tarrUiug 
dltith  do'n  hhks  dh'iarr  e  air  a  theaghlach 
gun  ach  aon  fhacal  a  chur  air  a'  chlach- 
chinn  aige,  am  facal,  OUidhte.  Choimhead 
Dia  6  'n  a  dhol  a  mach  agus  'na  theachd  a 
steach  ;   do  Dhia  biodh  a  chhti. 


Anns  a'  Chathair 


GIAMAR  a  chaidh  aig  an  naomh  Flann  no 
Flannan  air  a  bh^"  beo  leis  fhein  fad  bhhadh- 
nachan  air  eilean  lom  a  mach  anns  a'  Chuan 
Shiar  gun  chompanach  ach  eoin-mhara  agus 
smuaintean  peacach  a  chridhe  fhein  ?  No 
ciamar  a  fhuair  e  idir  air  tu-  air  an  Eilean 
Mhor,  aon  de  na  Seachd  Sealgairean  nach 
'eil  furasda  faotainn  air  tir  ann  1^  air  bith  de'n 
bhliadhna  le  stoth  a'  chuain  agus  briseadh 
na  fairge  air  na  stallachan  a  tha  ceudan 
troigh  a  dh'^irde.  Ged  is  ainmeil  na  seola- 
dairean  gUlean  Leodhuis  cha  bu  toigh  le  gin 
aca  a  bheatha  a  chur  an  geall  a  dhol  a 
mach  leis  fhein  do  na  h-Eileanan  Flannach 
ann  an  ge61a  bhig,  ged  tha  geolachan  agus 
eithrichean  aca  ann  an  Leodhus  as  fhe^rr 
na'n  currach  a  bha  aig  Flann  anns  an 
t-seachamh  linn. 

C'^ite  an  d'fhuair  Flann  biadh,  agus 
aodach,  agus  teine  ,agus  solus  ;  agus  goirea- 
san  eile  a  dh'fheumas  eadhon  duine  naomh 
a  chuma^'l  anail  na  beatha  ann  fhein.  Cha 
ghabh  sin  innseadh  an  diugh  ach  co  dhiubh 
cha  seasadh  ar  ciaU-ne  ri  onrachdas  an  eilein 
agus  glaodh  eagallach  na  mara  a'  briseadh 
air  na  stallachan  air  oidhchean  fuar  fada 
geamhraidh. 

Manach  a  Eirinn  thainig  e  cho  fada 
tuath  ri  Le6dhus  air  ghaol  a  bhi  fas  ann  an 
naomhachd  le  teicheadh  air  falbh  o'n 
t-saoghal,  agus  s^mhchair  fhaotaum  ann  an 
eilean  iomallach  far  am  faigheadh  e  cothrom 
air  fein-cheasnachadh  agus  beachd-smuain- 
eachadh.  Tha  aon  ghinealach  a'  siubhal 
agus  ginealach  eile  a'  teachd,  ach  fanaidh 
an  talamh  gu  brath,  fasain  a'  chrabhaidh 
agus  diadhaidheachd  ag  atharrachadh  ach 
an  diadhaidheachd  fhein  a'  fantuinn  anns 
an  t-saoghal  gu  br^th,  a  chionn  gu  bheil 
tart  an  anam  mhic  an  duine  an  geall  air 
Dia  ;  Flann  a'  teicheadh  o'n  t-saoghal  ag 
iarraidh  anam  a  shaoradh  gu  h-6nrachdach, 
agus  an  t-Ollamh  Mac  Leoid  agus  a  dheis- 
ciobuU  a'  dol  do  dh 'eilean  eile,  ag  iarraidh 
an  anam  fhein  a  shaoradh  le  co-chomunn 
agus  compauas  agus  horo-gheallaidh. 


Tha  an  tigh-aoraidh  anns  am  biodh 
Flann  ag  aoradh  'n  a  sheasamh  fhathast, 
tigh  beag  bochd  le  clachaireachd  nach  ctim 
a  mach  a'  ghaoth,  Teampull  Beannachaidh 
mar  theirear  ris. 

Tha  bothagan  -eUe  no  l^raichean  bhothag 
air  an  eilean  ach  tha  mi  an  dtiil  nach  'eil 
annta  ach  bothagan  a  bha  air  an  togail  le 
muinntir  Leodhuis  a  dh'fhuireach  annta 
beagan  oidhchean  an  uair  a  bhiodh  iad  a' 
dol  a  mach  do  na  h-Eileanan  Flannach  a 
ghlacadh  eun.  Anns  na  Ikithean  so  bu 
mhaith  an  t-annlan  sgarbh  fhein,  na'm 
b'aithne  do  mhnathan-tighe  a  chocaireachd. 


Chan  ann  air  an  naomh  Flann  a  chuimh- 
nicheas  daoine  an  diugh  an  uair  a  chluinneas 
iad  iomradh  air  na  h-Eileanan  Flannach  ach 
air  call  an  tigh-Sholuis. 

Ged  tha  tighean-soluis  eile  air  taobh  Shiar 
nan  eileanan  G^idhealach  tha  na  ceithir 
soluis  so  a'  seasamh  a  mach  o  ch^ch  a  thaobh 
neirt  agus  feumalachd,  Buta  Leodhuis,  na 
h-Eileanan  Flannach,  Ceann  Bharraidh,  agus 
an  Sgeir  Mh6r,  ceithir  ainglean-dion  nam 
maraichean  a  bhios  a'  falbh  agus  a'  tighirm 
air  a'  chuan  shiar  ri  ce6  no  sneachd  no 
stoirm  no  ri  sid  dhorcha. 

Ciod  air  bith  failing  a  dh'fhaodas  a  bhi 
anns  an  obair  eile  anns  am  bi  Ikmh  aig 
Riaghaltas  na  dtithcha  chan  'eil  failing  anns 
na  tighean-soluis  a  bhios  iad  a'  cur  suas, 
no  caomhnadh  airgid  orra.  Cha  bu  mhaith 
nach  biodh  na  toglaichean  sin  l^idir  agus 
gun  mheang  oir  tha  aca  ri  seasamh  ri 
gaUlion  agus  fearg  eagaUach  na  fau-ge.  Ach 
is  ann  iior  annamh  a  bhios  tubaist  ag  eirigh 
dhaibh,  no  aon  chlach  air  a  carachadh  as 
a  h-^ite,  cho  annamh  's  nach  'eU  aite  air  an 
t-saoghal  as  tearuinte  dhuit  a  bhi  ann  air 
oidhche  gh^bhaidh  na  tigh-soluis  air  sgeir 
mhara. 

Bha  tigh-soluis  an  Eilein  Mhoir,  aon  de 
na  h-Eileanan  Flaimach  no  "  Na  Seachd 
Sealgairean  "  air  a  chriochnachadh  ann  an 


AIG  AN  UINNEIG 


1899  agua  an  solus  air  a  lasadh  an  December. 
Bh^tar  ceithir  bliadhna  'g  a  thogail,  oir  ri 
dxoch  shid  cha  b'urrainn  do  na  clachairean 
seasamh  air  na  ballachan,  agus  cha  mho  a 
b'urrainn  bata  a  h-aghaidh  a  thoirt  air  an 
eilean  fad  sheachduinean,  no  idir  idir  stuth- 
togail  a  chur  air  tir.  Ann  an  stoirm  bithidh 
an  fhairge  ag  eirigh  agus  a'  briseadh  air  na 
stallachan  le  gaoir  agus  nuallan  eagallach 
corr  agus  ceud  troigh  a  dh'airde.  Chan 
ionghnadh  ged  a  dh'eiress  fairge  air  a 
chladaichean  oir  chan  'eil  dad  eadar  an 
t-eilean  agus  America  a  chuireas  stad  oirre. 

Tha  Tiur  an  tigh-sholuis  mu  thri  ceud 
troigh  OS  cionn  na  fairge  agus  tha  an  solus  ri 
fhaicinn  seachd  no  ochd  mile  fichead  a 
dh'astar.  Tha  ceathrar  dhaoine  a'  fritheal- 
adh  do'n  t-solus,  tritiir  air  an  eilean  agus  am 
fear  eile  air  tir  ann  an  Leodhus,  ag  athar- 
rachadh  air  a  cheile  aig  amannan  suidhichte. 

Tha  b4ta  an  tigh-sholuis  a'  tadhal  air  an 


eilean  uair  's  a'  mhios,  ach  an  uair  a  r^inig 
an  Hesperus  la  an  deidh  Nollaige  (1900), 
agus  a  sheid  i  an  fhideag  cha  d'fhuair  i 
freagairt  o'n  tigh-sholuis.  An  uair  a  chun- 
nacas  so  bha  geola  air  a  cur  a  mach  anns  a' 
mhionaid  agus  sgioba  air  an  cur  gu  tir, 
ach  ged  shiubhail  iad  a  h-uile  oisean  anns 
an  tigh-sholuis  agus  a  h-uile  ciiil  anns  an 
eilean  cha  robh  sgeul  bheo  no  mharbh  an- 
na 'daoine  ;  bha  iad  mar  gu'n  sluigeadh  an 
talamh  iad.  Bha  gach  seomar  anns  an 
tigh-sholuis  air  fh^gail  gu  h-6rdail,  grinn 
agus  glan,  a'  phrais  agus  an  gloineachan 
cho  sgurta  's  gu'm  faiceadh  tu  t'fhaileas 
annta,  agus  bord  na  braiceas  air  a  shuidh- 
eachadh  mar  gu'm  biodh  iad  a'  dol  a  shuidhe 
aige.  Bha  na  leabhraichean  air  an  deanamh 
suas  gu  uair  shonruichte  air  la  sonruichte, 
ach  'n  a  dheidh  sin  cha  robh  fhios  aig  duine 
beo  ciod  a  thachair  agus  cha  bhi  gu  br^th. 
Sin  diomhaireachd  a  bhuineas  do'n  chuan. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Tomas  Mac-a-Phearsoin 

AN  deireadh  a'  Mh^irt  chaocbail  Tomas 
Mac-a-Phearsoin  a  bha  anns  an  Eaglais 
Gh^idhealaich  an  Ceann-Loch-Cill-Chiarain. 
Chan  'eil  fada  bho  leig  e  dheth  uallach  na 
sgire,  agus  a  chaidh  e  a  dh'fhuireach  do 
Langholm,  an  Dtm-fris.  Th^inig  a'  chrioch 
air  gu  h-aithghearr. 

Bhiodh  meas  agus  cuimhne  chiibhraidh 
agam-sa  air  Tomas  Mac-a-Phearsoin  ged  nach 
biodh  aobhar  eile  agam  ach  an  gaol  a  bha  aig 
m'athair  agus  mo  mhathair  air  an  uair  a 
bha  e  'n  a  mhinistear  an  Tiriodh.  Bha 
iomadh  ministear  againn  an  Tiriodh  o 
chionn  leth-cheud  bhadhna,  ach  cha  robh  gin 
idir  ann-  air  an  robh  uiread  gaoil  aig  a  h-uile 
duine  's  a  bha  aca  air  T6mas  Mac-a-Phearsoin. 
Bha  e  6g  agus  laghach,  dreachmhor  'n  a 
choslas  ;  agus  rud-eigin  'n  a  ghuth  agus  'n 
a  aodann  a  th&,irngeadh  daoine  'g  a  ionn- 
suidh  a'  cheud  uair  a  chitheadh  no  chluinn- 
eadh  iad  e.  A  thuilleadh  air  sin  bha  e  'n  a 
shearmonaiche  maith,  maith  eadhon  o'n 
cheud  la  a  sheas  e  anns  a'  chubaid,  agus 
air  a'  cheann  mu  dheireadh  'n  a  aon  de  na 
searmonaichean  a  b'fhearr  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd. 

Bhuineadh  e  do  Chille-Chomhghain  an 
Aird-na-murchann ;  mac  maighstir-sgoile, 
air  oileanachadh  an  Oilthigh  Dhun-eideann, 
'n  a  fhear-cuideachaidh  an  eaglais  Chalum- 
Chille  an  Glaschu  m'  an  robh  e  air  a  shuidh- 
eachadh  an  Tiriodh  ;  a  Tiriodh  chaidh  e 
do'n  Tair heart ;  as  an  Tairbeart  chaidh  e  do 


Yoker  ;  a  Yoker  chaidh  e  do'n  eaglais  air 
Sraid  an  Naoimh  Vincent  an  Glaschu  ;  agus 
a  Glaschu  chaidh  e  do'n  eaglais  Gh^idhlig 
an  Ceann-Loch. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  bha  e  'n  a 
shearmonaiche  f  ior  mhaith  ;  bha  Gaidhhg 
cho  tlachdmhor  aige  agus  guth  cho  mills 
do'n  chluais  's  gu'n  robh  e  'n  a  ionghnadh 
leam  nach  robh  muinntir  an  Radio  'g  a 
chumail  air  an  Radio  gun  sgur.  Na'm 
b'ann  agam-sa  a  bha  an  taghadh  ri  dheanamh 
's  e  Tomas  Mac-a-Phearsoin  a'  cheud 
mhinistear  Gaidhealach  a  bu  mhaith  leam  a 
chluinntinn  air  an  Radio.  Chan  'eil  ball  no 
buaidh  a  bhuineas  do  chorp  mhic  an  duine 
as  luaithe  a  dh'innseas  dhuit  ciod  an  seorsa 
duine  a  tha  ann  na  ghuth,  co  dhiubh  a  tha 
e  'n  a  dhuine  laghach  no  nach  'eil.  Gu 
cinnteach  bha  Tomas  Mac-a-Phearsoin  'n  a, 
dhuine  laghach. 

Cha  robh  e  fada  an  deidh  a  sheana  charaid 
Dilghall  Mac  Eacharn  a  bha  'n  a  mhinistear 
6g  an  Colla  an  uair  a  bha  esan  an  Tiriodh. 
Ged  nach  robh  Dughall  Mac  Eacharn  fada 
an  Colla  chuir  e  suas  eaglais  \xr  ann  an 
Airigh-nan-gobhar.  Bha  e  'n  a  sgoilear 
maith,  agus  gus  an  la  mu  dheireadh  d'a 
bheatha  bha  iiidh  aige  ann  an  sgoilearachd 
agus  ann  an  litreachas  Gaidhlig  is  Beurla. 
Bhiodh  e  a'  sgriobhadh  gun  sgur ;  sgriobh  e 
leabhar  mor  tiugh  mu  na  saighdearan 
Gaidhealach  anns  a'  chogadh  (1914-18). 

Bha  e  'n  a  Bhard  do  Chomunn  Gaidhlig 


AIG  AN  UINNEIG 


Inbhir-nis  fad  iomadh  bliadhna.  Bha  ceol 
agus  abhacas  agus  grinneas  anns  an  teagh- 
lach  d'am  buineadh  e  ann  an  tomhas  neo- 
chumanta  ;  bha  iad  maith  air  seinn  agus 
maith  air  cluich  ;  chluicheadh  iad  gach 
seorsa  inneil,  o  thromb  gu  fidheall  is  organ, 
agus  tha  e  air  a  radh  gu'n  d'  thubhairt  an 
athair,  an  uair  a  dh'fhoighnich  cuideigin 
dbeth  an  robh  e  fior  gu'n  rachadh  aig  a' 
chloinn  aige  air  fichead  inneal  a  chluich 
eatorra, — gu'n  do  fhreagair  e  nach  robh  e 
fior;  gur  e  naoi  deug  an  4ireamh. 

Bha  iad  uUe  'n  an  daoine  laghach  grinn  ; 
bha  an  t-athair  agus  a  thriiiir  mhac  'n  am 
ministearan  aig  an  aon  am. 

Dh'fhag  D^ghall  Colla  a,  dhol  do  Bhower 
an  Gallaibh  far  an  robh  a  bhr^thair  Iain 
roimhe. 

Maithean  na  tire 

Ged  is  riomhach  am  baile  Dun-eideann 
agus  ged  is  beartach  a  shluagh  tha  gu 
leoir  de  mhaithean  Dhtm-eideann  'n  an 
suidhe  an  diugh  ann  an  seomar  fuar  le 
cotaichean  mora  orra  'g  an  cumail  fhein 
blath  a  chionn  nach  'eU  gual  aca. 

Tha  nithean  iongantach  a'  tachairt  anns 
na  l^ithean  so,  airgiod  gu  leoir  aig  daoine 
agus  gun  chomas  aca  air  tomhas  reusonta 
de  bhiadh,  no  dh  aodach,  no  de  chonnadh, 
fhaotainn.  Daoine  a  b'^bhaist  a  bhi  ag 
itheadh  da  no  tri  dh'uibhean  agus  suas  ri 
leth  gallain  bainne  agus  feoil  a  reir  sin, 
feumaidh  iad  a  nis  cur  suas  le  aon  ubh  's 
an  t-seachduin,  pinnt  bhainne  's  an  la,  agus 
crioman  cho  beag  a  dh'fheoil  's  an  t-seachd- 
uin 's  gu'n  itheadh  da  bhalach  fhoghainteach 
e  air  aon  tr4th.  Chan  e  mh^in  gu  bheil  am 
biadh  gann  ach  tha  na  plaideachan  fhein 
gann,  agus  aodach  cho  duilich  fhaotainn  's 
gu'm  bi  naire  ort  dol  am  measg  dhaoine. 

Ach  ma  tha  muinntir  nam  bailtean-mora 
air  an  droch  dhoigh  anns  na  laithean  so,  chan 
'eil  tuathanaich  agus  croitearan  mar  sin. 
Tha  na  tuathanaich  gu  maith  dheth  ;  tha 
na  fearainn  aca  a'  paigheadh ;  chan  'eil 
gainne  bidh  orra,  agus  a  mach  o'n  ghrain  a 
tha  aca  air  na  ciobairean  a  tha  a'  sealltuinii 
as  an  deidh  'g  an  cumail  ag  obair  los  barr 
maith  a  thoirt  as  an  talamh  cha  robh  iad 
riamh  cho  soirbheachail.  Ach  is  e  croit- 
earan na  G^idhealtachd  agus  gu  sonraiehte 
croitearan  nan  EUeanan  daoine  a  b'fhearr 
crannchur  aims  an  rioghachd  ri  linn  a' 
chogaidh. 

A  mach  o'n  spreidh  as  abhaist  dhaibh  a 
bhi  reic  's  an  Oban,  an  Sruidhla,  agus  an 
Inbhir-pheofharain  chan  fhiach  e  ainmeach- 
adh  na  chuir  iad  ri  biadh  na  rioghachd. 
Tharruing  iad  an  cuibhrionn  bidh  a  bha  air 


a  luigheasach  dhaibh  leis  an  lagh  a  stor  na 
diithcha,  ach  ged  a  dh'fheumadh  muinntir 
nam  bailtean  mora  a  bhi  toilichte  leis  a' 
chuibhrionn  lom  sin  cha  robh  gainne  bidh 
no  connaidh  air  croitearan  na  G^idhealtachd, 
oir  bha  gu  leoir  de  bhuntata  aca,  im  is  caise 
is  bainne  is  uibhean  a  thuilleadh  air  na  chuir 
am  Morair  Woolton  a  mach  air  an  son.  An 
ionghnadh  gu  robh  farmad  aig  muinntir  nam 
baUtean-mora  riu  ? 

Tir  an  aigh  ;  tir  far  nach  'eil  obair  trom 
no  biadh  gann,  tir  far  nach  ruig  guth  an 
fhir-sharuchaidh,  far  nach  'eil  iochdarain 
idir  a  chionn  gu  bheil  iad  uile  'n  an  uachd- 
arain.  Tir  an  ^igh ;  ciod  a'  chrannchur  a 
bu  sholasaiche  do  dhuine  ciallach  nach  'eU 
air  a  mhealladh  le  faileasan  diomhain  an 
t-saoghail  na  croit  ghrinn  ri  taobh  a'  chlad- 
aich,  far  am  biodh  fonn  agus  fairge  a' 
taomadh  am  beannachdan  air  a  cheann, 
an  t-annlann  a'  snamh  a  steach  gu  ceann 
an  iomaire  bhuntata.  Chan  'eil  aite  air  an 
t-saoghal  anns  a  bheil  e  cho  duilich  do 
dhuine  dol  bas  leis  an  acras  ris  na  h-Eileanan 
an  lar.  Tha  e  a'  dol  os  cionn  mo  thuigse 
car  son  nach  'eil  daoine  na  's  gaolaiche 
air  fuireach  anns  an  tir  ^ghmhor  so  na  tha 
iad.  Chunntainn-sa  mi  fhein  sona  ann  an 
deireadh  mo  laithean  na'n  deachaidh  agam 
air  croit  fhaotainn  an  aite  air  bith  air  a' 
Ghaidhealtachd,  ach  dh'fhairtlich  e  orm. 

Chaidh  do  stuadhan  agus  do  thonnan  tharum 

Cha  robh  gin  idir  de  luchd-riaghlaidh  ar 
dtithcha  anns  an  linn  so  a  b'fhearr  cliu  no 
bu  mheasaile  an  suilean  an  t-sluaigh  na  am 
Morair  Edward  Grey. 

Uasal  'n  a  bhreith  is  arach,  uasal  'n  a 
phearsa  agus  'n  a  n^dur,  companach  dhaoine 
mora  o  oige  bha  e  air  a  chomharrachadh  gu 
maith  tr^th  mar  dhuine  a  bhiodh  'n  a  chean- 
nard  air  an  t-sluagh, 

Bha  gach  ni  aige  a  tha  daoine  an  dilil  a  ni 
sona  iad  ;  slainte,  saibhreas,  dachaidh  shona. 
Bha  e  fhein  agus  a  bhean  anabarrach  com- 
panta  agus  gaolach,  ach  bha  i  air  a  marbhadh 
ann  an  carbad-iaruinn  m'an  robh  e  fada 
posda.  An  ceann  bhliadhnachan  phos  e  a 
ris,  ach  an  iiine  ghoirid  shiubhail  ise  cuid- 
eachd.  Ged  nach  gabhadh  duine  faotainn 
a  bha  na  bu  fhreagarraiche  air  a  bhi  'n  a 
athair  teaghlaich,  oir  bha  e  gaolach  air 
cloinn,  bha  e  gun  teaghlach. 

Bha  da  bhrathair  aige  ris  an  robh  a  chridhe 
an  ceangal,  ach  bha  fear  dhiubh  air  a  mharbh- 
adh  le  leomhann  agus  am  fear  eile  le  buffalo 
an  Africa. 

Bha  an  tigh-m6r  aige  ann  am  Fallodon 
air  a  losgadh  le  teine,  agus  tigh  eile  cuid- 
eachd  far  am  biodh  e  a'  dol  a  dh'iasgach. 


AIG  AN  UINNEIG 


Rinn  e  na  b'urrainn  dha  a  dheanamh  a 
chumail  sith  na  h-E6rpa  an  1914,  ach 
dh 'f hairtlich  e  air  fhein  agus  air  Asquith  an 
cogadh  a  sheachnadh,  is  chunnaic  e  obair  a 
bheatha  a'  dol  'n  a  smiir. 

An  deireadh  a  laithean  dh'fh^ilnich  a 
fhradharc,  agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
bha  e  dall  uile  gu  leir,  ach  ged  chaidh  na 
tonnan  sin  thairis  air  cha  do  chuir  am 
freasdal  searbh  searbhadas  'n  a  chridhe, 
agus  cha  mho  a  chualas  riamh  e  a'  gearan 
air  a  chrannchur. 

Sin  an  seorsa  giiilain  a  bheir  buaidh  air  an 
t-saoghal. 

Ma  bha  a'  chitiine  agus  an  fhaidhidinn  so 
'n  a  chridhe  bha  iad  'n  a  ghluasad  corporra 
cuideachd  pir  ghluaiseadh  e  cho  faihdh  's 
nach  robh  eagal  aig  eoin  no  coineanan  roimhe, 
is  thigeadh  eoin-mhara  agus  eoin  mhonaidh 
is  sheasadh  iad  air  a  ghualainn  a  dh'itheadh 
as  a  laimh. 

Nach  bu  shona~  thu  fhein  agus  mi  fhein,  a 
leughadair,  na'n  robh  ar  beatha  agus  ar 
crioch  dheireannach  mar  so. 

"Gidheadh" 

An  cual  tliu  riamh  balach  Gaidhealach  a' 
cleachdadh  an  fhacail  "  gidheadh  "  ?  Cha 
-chuala  mise  ged  a  bhios  mi  air  uairean  'ga 
chluinntinn  o  mhinistearan  agus  o  luchd- 
labhairt  eile  leis  nach  toil  a  bhi  bruidhinn 
ann  an  doigh  shimplidh  nadurra,  an  duil 
gu'n  ciiir  cainnt  atmhor.  cudthrom  agus 
soluimteachd  'n  an  seanchas. 

An  uair  a  gheibh  thu  balach  leis  fhein  chan 
'eil  creutair  air  an  t-saoghal  as  laghaiche  na 
e,  ach  an  uair  a  theid  bannal  dhiubh  comhla 
tha  iad  mar  gu'n  rachadh  am  mac-mallachd 
annta,  deamhain  bheaga  a  bheireadh  an 
car  as  an  fhear  mhor  fein.  An  uair  a  chi  thu 
l^n  suidheachain  dhiubh  anns  an  eaglais 
cho  samhach  stolda  ris  na  foirbhich,  their 
thu  riut  fhein.  O  !  na  balaich  ghaolach,  nach 
grinn  iad,  agus  nach  maith  is  aithne  dhaibh 
iad  fhein  a  ghiulan  gu  freagarrach  ann  an 
tigh  an  Tighearna  ? 

Ach  ged  tha  iad  cho  samhach,  agus 
coslas  nan  ainglean  air  an  aodainn,  is 
docha  gu  bheil  iad  a'  bruidhinn  ri  cheile 
fad  na  h-uine  le'n  stiilean,  le'n  casan,  le'n 
uilnean,  a'  tuigsinn  a  cheile  cho  maith  's 
nach  'eil  feum  air  cainnt. 

Bhiodh  an  t-Urramach  Theodore  Boanerges 
Theophilus  Pom-Pom,  D.D.,  a'  boilich  gu 
robh  ealain  anabarrach  aige-san  air  labhairt 
ri  oigridh,  agus  air  aire  bhalach  a  tharruing 
agus  a  chumail  an  uair  a  bhiodh  e  a'  sear- 
monachadh.  Bha  sin  f  ior,  ach  cha  b'ann  anns 
an  doigh  a  bha  esan  an  dtiil. 


Thug  na  balaich  an  aire  gu'm  biodh  am 
ministear  ag  uisneachadh  an  fhacail  "  gidh- 
eadh "  gu  maith  trie  arms  an  t-searmon, 
agus  cha  luaithe  a  thug  iad  an  aire  dha  na 
chuir  iad  romhpa  gu'n  aotrumaicheadh  iad 
sgithealas  na  h-eaglais  le  "  cluich  "  dr. 

B'e  so  a'  chluich  ;  bheireadh  fear  dhitibh 
leis  orainsear  'n  a  phoca  ;  cho  luath  's  a 
chluinneadh  e  am  ministear  ag  r4dh 
"  gidheadh,"  shineadh  e  an  t-orainsear  gu 
samhach  agus  gu  folachaidh  do'n  fhear  a 
bha  14imh  ris,  is  shineadh  am  fear  sin  e 
do'n  fhear  a  bha  l^imh  ris  fhein  an  ath  uair 
a  dh'abradh  e  gidheadh,  agus  mar  sin  gus  an 
ruigeadh  an  t-orainsear  am  balach  a  bha  aig 
ceann  an  t-suidheachain.  Chuireadh  esan 
air  ais  e  an  rathad  eUe,  agus  am  fear  aig  am 
biodh  an  t-orainsear  an  uair  a  sguireadh  am 
ministear  bu  leis  fhein  e,  agus  dh'fhaodadh 
e  itheadh  gun  dad  a  thoirt  do  ch^ch.  Ach 
dh'fheumadh  e  orainsear  eile  fhaotainn  air 
son  na  h-a,th  Shabaid.  "  0 !  na  balaich  lagh- 
ach,"  theireadh  bean  a'  bhancair,  "  tha  e  a' 
deanamh  feum  do  m'anam  a  bhi  sealltuinn 
air  na  h-aodainn  neo-chiontach  aca." 

"  A  Theo  a  luaidh,"  arsa  bean  an  OUaimh 
Pom-Pom  air  feasgar  S^baid,  nach  miorbhuil- 
each  a'  ghibht  agus  an  ealain  a  tha  agad  air 
labhairt  ri  cloinn  ?  Bha  mi  a'  sealltuinn  an 
diugh  air  na  balaich  a  bha  'n  an  suidhe  mu 
choinneamh  na  ctibaid,  agus  cha  do  bhriob 
iad  rosg  stila  ach  a'  diir  amharc  ort,  ag  61 
a  steach  a  h-uile  facal  a  bha  thu  ag  radh. 
Bu  choir  dhuit  leabhar  de  shearmoin  a  chur 
a  mach  gus  am  faiceadh  ministearan  eile 
ciamar  a  chumas  an  eaglais  aire  na 
h-6igridh." 

Sdlasan  an  t-sleibhe 

Air  uairean  bheir  rud  beag  barrachd 
solais  do  chloinn,  agus  math  dh'fhaoite  do 
dhaoine  mora,  na  bheir  rudan  mora.  Tha 
cuimhne  agam,  an  uair  a  bha  mi  'n  am 
bhalach,  nach  tugadh  muilleanan  Charnegie 
uiread  solais  dhomh  's  a  bhithinn  a'  faotainn 
an  uair  a  gheibhinn  nead  uiseig  anns  an 
fheur,  no  nead  glaisein  no  bigein-baintigh- 
earna  ann  an  sgor  creige,  no  nead  clacharain 
ann  an  toll  garaidh.  B'e  an  t-am  anns  am 
biodh  na  h-eoin  a'  neadachadh  an  t-^m  a 
b'fhe^rr  leam  de'n  bhhadhna,  am  a  bha  a' 
sineadh  o'n  Mhart  gu  Feill  Eoin,  an  uair  a 
dh'  fhaodadh  tu  nead  anmoch  steairneil 
fhaotainn  fhathast.  Chan  'eil  eun  anns  an 
ealltainn  as  boidhche  air  an  iteig  na'n 
stearneal,  bean-uasal  na  mara  mar  is  e  am 
Beithe  bean-uasal  na  coille.  Tharruing 
Edward  Wilson  (companach  Chaiptein  Scott 
do'n  Antarctic)   is  chuir  e  ann  an  leabhar 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


dealbh  ste^irneil  a  tha  cho  lurach  's  gu'n 
suidhiim  m'a  choinneamh  gun  sgiths  leth 
latha. 

Cha  robh  sinn  a'  saoilsinn  gu'm  bu 
pheacadh  e  neadan  nan  eun-mora  a  chreach- 
adh,  mur  robh  an  gur  anns  na  h-uibhean, 
oir  ghabhadh  na  h-uibhean  aca-san  itheadh, 
currachdagan,  faoileanan,  lach-bheag,  lach- 
mhor,  gille-Brighde,  luacharan,  agus  feadh- 
ainn  eile  mar  sin,  ach  is  e  f  ior  dhroch  bhalach 
a  chreachadh  neadan  nan  eun  beaga,  agus 
balach  le  Satan  a  chreachadh  nead  uiseig. 
Bha  sinn  a'  cunntas  na  h-uiseig  'n  a  h-eun 
naomh,  eun  Muire.  Gheall  duine  durbhaidh 
a  bha  a'  fuireach  leis  fhein,  agus  deich  no 
dusan  cat  aige,  ceithir  sgilhnnean  dhuinn 
aon  la,  agus  sinn  a'  dol  seachad  do'n  sgoil, 
na'n  tugamaid  chuige  ceithir  coin  uiseig 
nach  d'fh^g  an  nead.  Ged  a  cheannaicheadh 
ceithir  sgillinnean  g^d  maith  de  shiticar- 
dubh  anns  na  laithean  ud  cha  do  ghabh  sinn 
ris  an  tairgse,  agus  theich  sinn  as  a  l^thair  mar 
gu'm  bu  chreutair  mallaichte  e — rud  a  b'e. 
Ach  air  ar  tilleadh  dhachaidh  as  an  sgoil 
ghabh  sinn  do  na  cait  aige  leis  na  clachan. 
Na  cait  neo-chiontach ! 

'S  6  na  h-eoin  creutairean  as  sine  air 
thalamh  agus  eadhon  an  uair  nach  'eil  sinn  a' 
toirt  an  aire  dhaibh  idir  tha  iad  a'  toirt  dhuinn 
solais.  An  uair  nach  'eil  sinn  mothachail  gu 
bheU  iad  a'  seinn  tha  an  ceol  mar  iocshlaint 
d'ar  cridheachan,  'g  an  cumail  sitheil  agus 
ciuin.  Nach  dluth  do  mhac  an  duine  na 
nithean  a  tha  'n  an  aile  beatha  d'a  spiorad, 
^ileadh  na  machrach  'n  a  chuinnlean,  oran 
a'  choilich-smeoraich  ann  am  preas  air 
latha  gaothar  fuar  anns  a'  Mhart,  piobair- 
eachd  an  loin-duibh  air  Ih  frasach,  agus 
guileag  thiamhaidh  na  feadaig  air  monadh 
no  sliabh.  Tha  an  roinn  as  motha  d'  ar 
solas  a'  tighinn  chugainn  o  nithean  beaga 
de'n  t-seorsa  sin  nach  'eU  a'  cosd  dad. 

G^in  an  tombaca 

An  uair  a  chuir  a'  Ph^rlamaid  cain  throm 
air  an  tombaca  agus  air  cigarettes  bha 
caoidh  anns  an  diithaich  nach  robh  a  leithid 
ann  o  chualas  "  Gaoir  nam  ban  Muileach  " 
no  o'n  la  anns  an  do  rinn  Hadadrimmon 
cumha  ann  an  gleann  Mhegidoin.  Bhith- 
eamaid  a'  cluinntitm  uaireigin  nach  lu'rainn 
dhuit  daoine  a  dheanamh  stuama  le  Achd 
P^rlamaid,  ach  tha  a'  Pharlamaid  air  a 
dhearbhadh  dhuinn  gu'n  teid  aice  air  sin  a 
dheanamh,  oir  ged  tha  muinntir  na  dtithcha 


so  ag  61  barrachd  's  a  tha  maith  dhaibh  chan 
'eil  iad  ag  61  uiread  's  a  dh'oladb  iad  'n  an 
robh  ciin  a  bu  lugha  air  an  deoch.  Agus 
ma  theid  aig  fir  air  sgur  de'n  phiob,  agus  aig 
mnathan  air  sgur  de  cigarettes,  mar  tha  iad 
a'  maoidheadh  a  dheanamh,  no  co  dhiubh  a 
bhi  na's  aotruine  orra,  sin  ceum  eUe  anns  an 
dean  a'  Pharlamaid  stuama  iad. 

Thug  Hitler  an  roghainn  do  mhuinntir 
na  Gearmailte,  "  gunnachan  no  im,"  agus 
c6  aige  a  tha  fhios  nach  'eU  an  la  a'  tighinn 
anns  am  bi  an  roghainn  air  a  thoirt  dhuinne 
"  cigarettes  agus  films  no  fe6il  is  aran- 
cruithneachd." 

Chan  'eil  teagamh  air  bith  nach  'eil  lucJid- 
oibre  na  dtithcha  so  a'  cosd  tuilleadh  's  a 
ch6ir  d'an  tuarasdal  air  deoch  agus  tombaca 
agus  tighean-dhealbh,  na  tri  tobraichean- 
s61ais  nach  urrainn  djiaibh  deanamh  as  an 
eugmhais. 

Psychology 

Gu  de  Gh^idhlig  a  tha  air  psychologi/  ? 
Chan  'eil  fhios  agam,  ach  mur  h-aithne 
dhomh  a'  Gh^idhlig  air,  faodaidh  mi  naidh- 
eachd  bheag  innseadh  dhuit  a  chuireas  solus 
air  an  rud  fhein,  naidheachd  a  fhuair  mi  an 
iasad  o  dhuine  eile,  air  chor  agus  ma's  breug 
bhuam  i  gur  breug  chugam  i. 

Bha  e  'n  a  chleachdadh  aig  grunnan  de 
dhaoine  6ga,  gillean  agus  nigheanan  agus 
triiiir  no  cheathrar  de  dhaoine  p6sda,  am 
baile-mor  fh^gail  aig  deireadh  na  seachduin 
Na  chur  seachad  na  Sabaid  air  an  duthaich. 
Bha  iad  6g  agus  mear,  gaolach  air  dannsadh, 
cuid  dhiubh  gaolach  air  diar  beag  agus  cuid 
dhiubh  air  diar  a  bu  mhotha,  ach  daonnan 
daonnan  bhiodh  an  dannsadh  a'  dol  air 
aghaidh  gu  uairean  's  a'  mhaduinn  agus  gus 
am  biodh  iad  cho  sgith  's  gu'n  caidleadh 
iad  gu  d4-uair-dheug  air  maduinn  na  Sabaid, 
no  gus  an  dtiisgeadh  clag  na  h-eaglais  iad 
agus  an  eaglais  l^imh  riu. 

Bhiodh  iad  a'  gearan  gu  robh  clag  na 
h-eaglais  a'  milleadi  an  la  orra,  'g  an  dtisgadh 
ro  thrath,  agus  chuir  iad  fios  a  dh'ionnsuidh  a' 
mhinisteir  ag  radh  ris  gu'm  biodh  iad 
'n  a  chomain  na'm  biodh  e  cho  maith  agus 
uair  na  seirbhis  atharrachadh,  air  neo  stad  a 
chur  air  bualadh  a'  chluig.  Sin  agad  an  rud 
ris  an  abrar  psychology,  treathlaich  agus 
ne6nachas  agus  diomhaireachd  ann  an  cridhe 
mhic  an  duine  a  tha  air  fholach  leis  a'  bhrat 
thana  a  tha  air  a  sgaoileadh  air.  Tha  ainm 
eile  air  cuideachd,  miomhadh. 


An  Naomh  Aindreas 


Leis  an   Urr.  Iain  MacAoidh,  Olaschu. 


IS  e  an  30mh  latha  de  mhios  na  Samhna 
latha  an  Naoimh  Aindxeas,  an  latha  a  bhios 
Albannaich.  a  ghn^th  ag  cumail  a  chionn  agus 
gur  e  Aindreas  an  Naomh  air  a  bheil  sluagh 
Alba  'gan  ainmeachadh  fein. 

Tha  fios  againn  c6  e — ^gum  b'e  aon  de  na 
deisciobuil  a  bha  ann ;  gur  h-e  iasgair 
a  bh'ann  ;  gur  h-ann  do  Bhetsaida  a  bhuin- 
eadh  e  ;  agus  gur  h-e  br^thair  do  Shimon 
Peadair  a  bha  ann.  B'e  ainm  athar  lonas 
(no  Eoin),  agus  ainm  a  mh^thar  (a  reir  beul- 
aithris)  loanna.  Tha  e  air  a  radh  gun 
tugadh  cuid  de  na  cn^mhan  aige  do  dh'Alba 
anns  a'  cheathramh  linn  A.D.,  agus  gun  do 
dh'adhlacadh  iad  ann  an  Cill-rimhinn,  agus 
o'n  am  sin  gu  robh  an  t-aite  sin  air  ainmeach- 
adh air — Baile  Naoimh  Aindreas — agus  o'n 
am  sin  cuideachd  gun  do  ghairmeadh  Naomh 
sonraichte  na  h-Alba  dheth. 

Tha  e  coltach  gu  robh  ainm  an  Naoimh 
so  a'  seasamh  air  son  nithean  ^raidh  a 
tharraing  inntinn  nan  Albannach  thuige — 
cuid  c6-dhiubh  de  na  nithean  a  rinn  Alba 
mor,  agus  tha  sinn  an  dochas  a  ni  mor  i 
fhathast.  De  tha  ainm  Atndreis  ag  ciallach- 
adh  dhuinne  ?  Carson  a  tha  sinn  fhathast 
'gar  n-ainmeachadh  fein  air,  agus  carson  a 
tha  sinm  os  cionn  gach  comuinn  agus 
cruinneachaidh  Albannaich  de  sheorsa  sam 
bith  thairis  air  cuan  ?  Faodaidh  sinn  sin 
a  fhreagairt — ann  an  tomhas,  co-dhiubh. 

I. — Tha  Aindreas  a'  seasamh  a  mach  gu 
follaiseach  agus  gu  l^idir  air  son  na  dach- 
aidh  ;  agus  gu  h-^raidh  gum  bi  crabhadh 
agus  sith  anns  an  dachaidh,  agus  gum  bi 
eolas  air  Criosd  anns  an  dachaidh. 

Fhuair  Aindreas  a  mach  air  a  shon  fhein 
mu'n  eolas  sin,  agus  cha  do  chaill  e  a'  bheag 
de  dh'uine  ann  a  bhith  'ga  chur  an  ceill 
d'a  bhrathair,  Simon,  agus  b'e  Simon  a 
th^inig  'na  dheidh  sin  gu  bhith  cho  iomrait- 
each  ann  an  eachdraidh  na  priomh-eaglaise. 
Co  a  dh'aicheadh  an  diugh  gur  e  aon  aobhar 
air  morachd  Alba  gu  robh  uiread  de  speis 
air  a  thoirt,  anns  na  l^ithean  a  dh'fhalbh 
co-dhiubh,  do  chr^bhadh  agus  do  dh'aoradh 
anns  an  teaghlach  ?  Cha  b'ann  a  mhain 
anns  a'  Gh^idhealtachd,  ach  mar  an  ceudna 
air  a'  Ghalldachd  a  bha  an  speis  so.  Nach 
'eil  Raibeart  Burns  fhein  ag  innseadh  dhuinn 
ann  a  bhith  toirt  cunntais  air  aoradh  ann 
an  tigh  a'  chroiteir  air  oidhche  Shatharna, 
gur  ann  a  cleachdadh  de'n  t-se5rsa  sin  a 
dh'eirich  morachd  na  h-Alba  ? 


II. — Rinn  Aindreas  •  a'  chuid  a  b'fhe^rr 
de  na  nithean  a  bha  aige. 

Rinn  e  a'  chuid  a  b'fhekrr  a  ghabhadh 
deanamh  gle  thric  le  nithean  beaga.  Co 
rinn  di-meas  air  latha  nan  nithean  beaga  ? 
Sin  latha  a  bha  aig  a'  Ghaidheal,  agus  aig 
an  Albannach  cuideachd,  gu  math  trie. 
Bha  latha  nan  nithean  beaga  aig  Aindreas  ; 
ach  rinn  e  feum  dhiubh,  beag  is  mar  a  bha 
iad.  Bha  aon  uair  coig  mile  pearsa  r'am 
beathachadh,  agus  cha  robh  fios  aig  Peadair 
de  a  ghabhadh  deanamh  ;  ach  fhuair  Ain- 
dreas lorg  air  oganach  aig  an  robh  coig 
builionnan  eorna  agus  da  iasg.  Cha  robh 
moran  ann  an  sin,  ach  ghabh  Aindreas  air 
adhairt  leis.  Thug  e  na  nithean  beaga  a 
dh'ionnsaigh  a  Mhaighstir,  agus  air  ball 
dh'fhas  iad  m6r.  Duine  ciuin,  gasda,  foidh- 
idinneach,  glic — b'e  sin  Aindreas.  Chan  'eil 
cunntas  againn  gun  deach  e  riamh  'na 
chabhaig  no  'na  bhreislich  ann  an  c^s.  Cha 
robh  mor  fhoghlum  aige,  bithidh  e  coltach, 
ach  bha  e  neo-chumanta  glic  agus  curamach 
agus  seimh,  agus  bha  fhios  aige  gum  b'fhiach 
nithean  beaga  an  deanamh  agus  gum  f asadh 
iad  gu  bhith  'nan  nithean  mora. 

III. — Bha  inntinn  agus  cridhe  farsainn 
aige. 

Bha  Aindreas  coibhneil,  co-fhaireachdail, 
agus  c^irdeil.  Bha  e  ro  dhileas  as  leth 
a  dhaoine  fhein,  ach  cha  do  ehtim  sin  e  gun 
a  bhith  cairdeil  ri  muinntir  eile.  Cha  do 
ghleidh  e  a  ghrasan  agus  a  chaomhalachd 
dha  fhein,  no  d'a  dhaoine  fhein,  ach  nochd 
e  iad  do  mhuinntir  eile. 

Thainig  Greugaich  a  nuas  gu  lerusalem 
agus  dh'iarr  iad  losa  fhaicinn.  Is  e  Aindreas 
a  thug  air  adhairt  iad.  Bha  e  an  comhnaidh 
deiseil  air  son  daoine  a  chuideachadh  air 
an  t-slighe,  agus  cha  d'rinn  e  tarcuis  air 
duine  sam  bith  a  bha  ag  iarraidh  cobhair,  ciod 
.  air  bith  comunn  no  buidheann  d'am  buin- 
eadh  e  ;  agus  nach  e  sin  cliu  an  Albannaich 
agus  a'  Ghaidheil — gu  robh  iad  a  ghn^th 
ullamh  gu  bhith  toirt  aoigheachd  do  choig- 
rich  ;  gu  robh  an  cridhe  air  a  ghluasad  fa 
chomhair   feuman    chaich  ? 

Tha  mi  a'  smaoineachadh  gu  h-e  sin  cuid 
de  na  h-aobhair  gu  bheil  sinn  air  ar  n- 
ainmeachadh  air  Aindreas,  agus  gur  h-e 
crois  gheal  Aindreis  air  grunnd  gorm  bratach 
na  h-Alba,  agus  mar  an  ceudna  gur  h-e  a 
chrois-san    comharra    luchd    na    h-eiridinn 


8 


COIMHTHIONAL  DILEAS 


aim  an  Alba.  Agus  nach  'eil  e  f  ior  cuideachd 
gur  h-e  crois  an  Naoimh  Aindreas  suaich- 
eantas  cuid  de  ar  reisimeidean  Gaidhealach 
agus  Albannach  an  diugh.  ?     Tha  i  aig  na 


Camshroi;iaich  mar  aon  bhuidheann,   agus, 
tha  mi  an  duil,  aig  aon  no  dh^  eUe. 

Chan  ann  gu  diomhain  a  tha  sinn  air  ar 
n-ainmeachadh  air  Aindreas. 


Coimhthional  dileas 

Le  D.  I.  MacCuish. 


CHUIREADH  sluagh  Shollais,  an  Uidhist- 
a-Tuath,  gu  ruige  Loch-euphort,  sia  ceud 
pearsa  's  a  tri,  ann  an  1850,  agus  cha  ghabh 
e  innseadh  na  dh'  fhuUing  iad  mas  d'fhuair 
iad  tighean  a  chur  suas  ann  am  mointich  fad 
o  dhaoine,  ach  rinn  dichioU  e. 

Ann  an  uine  gun  a  bhi  ro  fhada,  chuir  iad 
fein  le  cuideachadh  math  bho  "  Chomunn 
nan  Ladies  "  ann  an  Diin-eideann  suas  tigh 
sgoile  ann,  car  faisg  air  meadhon  an  Mte,  a 
chionn  gu  robh  moran  de  chloinn  oig  ann, 
agus  mar  an  ceudna,  bha  an  tigh  so  aca  mar 
thigh-aoraidh  gus  am  blia.dhna. 

Bha  ministear  a'  choimhthionail  Mghr 
Mac  Aoidh,  a'  Chlachain,  a'  gearan  cho 
fada  's  a  bha  an  tigh-aoraidh  so  bho'n 
Eaglais,  agus  's  e  thainig  as  an  so  gu'n 
deachaidh  "  Committee  "  a  shuidheachadh, 
a  chur  air  doigh  tigh-aoraidh  tir  a  thogail, 
a  bhiodh  'n  a  bu  deiseile  do'n  t-sluagh  agus 
do'n  Eaglais. 

Is  airidh  Mghr  Iain  Boyd  air  urram  agus 
cHti  air  son  gu'n  d'thug  e  dhaibh  larach  an 
tighe  air  a'  chroit  aige,  agus  chaidh  Mghr 
Iain  Mac  Guaidhre,  mac  an  deagh  athar,  a 
shuidheachadh  mar  fhear-gleidheadh  an  air- 
gid,  agus  Mghr  Niall  Mac  Phail  mar  chleireach 
gu  tional  atrgid  anris  an  sgir  mu'n  cuairt, 
agus  bho  ch^irdean  dq  mhuinntir  an  aite  a 
bha  mach  as  an  sgir.  Mar  an  ceudna  bha 
Mghr  GiUeasbuig  Domhnullach  anns  a' 
"  Chommittee." 

Thoisich  an  t-airgiod  air  tighinn  a  steach 
gu  maith,  agus  thainig  sineadas  airgid 
eadhoin  a  Ceap  Breatunn.  'S  e  bh'ann  gu'n 
do  thoisicheadh  air  togail  an  tighe,  agus 
cha  b'ann  mall  nuatr  a  fhuair  an  luchd- 
ceairde  na  goireasan  a  bha  dhith  orra. 
Chaidh  a'  chlachaireachd  gu  snog.  Air  dha 
a  bhi  ullamh  chuir  Mghr  Eoghan  Fear- 
ghustan  an  saor  an   ceann  air,   agus   'g  a 


chuideachadh  ris  an  t-saorsuineachd,  mar 
dhuine  's  mar  dhithis,  bha  Mghr  Aonghas 
Moireastan,  Cladach-a-Bhaile  Sear. 

Dh'fh^g  an  dithis  ud  an  obair  aca  cho 
math  's  cho  grinn  ri  dealbh.  Thainig  an 
uair  sin  an  seann  laoch  coir,  maraiche  agus 
peantair  nan  luingeas,  Mghr  GUleasbuig 
Stiiibhard,  le  peant,  is  varnish  agus  bruisean 
agus  pheant  is  varnisich  e  na  h-uile  ni  am 
muigh  's  a  stigh,  gu  dearrsach  lainnireach, 
air  chor  's  nach  gabhadh  e  bhi  na  b'fhe^rr. 
Mar  an  ceudna  rinn  Mghr  Stiiibhard  leis 
fein  rathad  grinn  gu  dorus  an  tigh-aoraidh, 
a  ghabhas  na  tha  de  shluagh  an  Loch- 
euphort  agus  corr.  A  thaobh  suidhea chaidh, 
tha  e  moran  na's  deiseile  na'n  seann  tigh. 
A  bharrachd  air  sin,  tha  e  'na  chomharra 
air  son  iomadh  linn  agus  ginealach,  air 
dilseachd  agus  eud  sluagh  Loch-euphort 
air  son  an  t-soisgeil  agus  aobhar  Chriosd. 

Is  airidh  an  t-Urramach  Mghr  Tormod 
Domhnullach,  ministear  Loch-nam-madadh, 
agus  na  h-Eildearan  aige  air  taing  mhor 
fhaotainn  air  son  iad  a  chur  aiteachan- 
suidhe  gle  chomhurtachail  anns  an  tigh- 
aoraidh  iir  ud,  agus  mar  an  ceudna,  tha 
taing  agus  cliu  mor  air  a  thoirt  do  Mghr  Mac 
DhomhnuiU  agus  a  bhean  a  Sidinish,  air 
son  d4  lamp  ghrinn  (Tilley)  a  chur  ann  air 
son  mac  gradhach  a  chaidh  a  dhith  anns  a' 
chogadh  ann  an  1943.  Chuir  air  an  doigh 
cheudna,  Mghr  Robistan  agus  a  bhean,  tigh 
a'  Chinn  Aird,"  lampa  grinn  eile  ann  (Tilley) 
mar  chuimhneachan  air  Ceit  Nic  Leoid 
urramacb  nach  maireann  oir  chan  'eil  a 
leithid  eile  an  diugh  ann. 

Chaidh  an  tigh-aoraidh  fhosgladh  L^ 
Nollaig  le  Ministear  Loch-nam-madadh  agus 
shearmonaich  Mghr  Mac  DhornhnuUl,  minis- 
tear  Phaibil,  agus  Mghr  Mac  Aoidh,  ministear 
a'  Chlachain,  do  choimhthional  mor. 


An  Laoidheadair 


Gu'm  b'e  mor-mhiann  mo  chridh, 
Bhi  faicinn  gntiis  mo  Dhe ; 
Gu'm  b'e  mor-mhiann  mo  chridh, 
Bhi  c6mhnaidh  leis  gach  re. 


Gu'm  b'e  mor-mhiann  mo  chridh. 
An  deidh  gach  ni  fo'n  ghrein; 
Gu  faighinn  miann  mo  chridh, 
'S  gu  faicinn  gntiis  mo  Dhe. 


Aireamh  8 


1947 


Ard-Cheannas 


Diotrephes,  leis  am  miann  ard-cheannas  a  hhi  aige. — ///  Eoin.  I,  9. 


CHAN  'eil  am  facal  ard-cheannas  air 
uisneachadh  ach  da  uair  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh — (1)  leis  an  abstol  Pol  a'  labhairt 
mu  Chriosd,  agus  (2)  leis  an  abstol  Eoin  a' 
labhairt  mu  Dhiotrephes.  Chan  'eil  ard- 
cheannas  maith  no  dona  ann  fhein  ;  tha 
e  maith  no  dona  a  reir  an  duine  aig  a  bheil  e, 
an  doigh  anns  an  d'fhuair  e  e,  agus  a'  bhuil 
gus  a  bheil  e  'ga  chur. 

Bha  gach  seorsa  dhaoine  anns  an  eaglais 
abstolach,  mar  tha  gach  seorsa  dhaoine 
anns  an  eaglais  an  diugh  ;  daoine  coir  agus 
daoine  cumhann ;  daoine  gradhach  agus 
daoine  greannach  ;  daoine  iriosal  agus 
daoine  Ian  dhiubh  fhein ;  leithid  Ghaiuis 
agus  leithid  Dhiotrepheis.  Chan  'eil  fhios 
CO  dhiubh  a  bha  Diotrephes  scan  no  6g  ; 
CO  dhiubh  a  bha  e  leasg  no  easgaidh  ;  chan 
aithne  dhuinn  dad  uime  ach  a  mhain  an  aon 
fhacal  so  a  tha  an  t-abstol  ag  radh  uime, 
gu'm  bu  mhaith  leis  ard-cheannas  a  bhi 
aige  am  measg  chaich,  no  a  thoil  fhein 
fhaotainn  daonnan. 

Cha  chualas  riamh  e  air  a  radh  air  La- 
ceiste,  gur  e  aon  de  chomharraidhean  a' 
Chriosduidh  miann  a  bhi  aige  air  ard- 
cheannas,  no  miann  a  bhi  aige  air  gloir  dha 
fhein.  Cha  chuala  a  chionn  nach  biodh  e 
fior.  Mur  bheil  tomhas  aig  neach  de  spiorad 
Chriosd  agus  de'n  inntinn  a  bha  ann  an 
Criosd  cha  bhuin  e  dha,  agus  tha  fhios  aig 
an  t-saoghal  uile  nach  do  mhiannaich  Criosd 
riamh  a  ghloir  no  a  thoil  fhein,  no  tighearnas 
thairis  air  a  bhraithrean.  An  uair  a  bha  na 
deisciobuil  neo-thoileach  frithealadh  do 
chach  a  cheile,  no  uisge  a  chur  air  casan  a 
cheile,  dh'  eirich  esan  agus  ghlac  e  soitheach 
agus  searadair,  agus  nigh  is  thiormaich  e  an 
casan. 

Tha  ard-cheannas  'n  a  fhacal  uasal  agus 
soluimte,  cho  uasal  agus  soluimte  's  gu 
bheil  e  a'  folach  orra  fhein  an  droch  f hailing 
a  tha  ann  an  daoine  a  tha  miannach  air. 
Ach  ma  chuireas  tu  e  anns  an  doigh  anns  am 
bi  sinn  'ga  chur  an  uair  nach  'eil  sinn  ag 
uisneachadh  cainnt  a'  Bhiobuill  chi  thu  anns 
a'  mhionaid  gur  droch  fh^iling  e  ann  an 
duine  air  bith.  Oir  is  droch  chomharradh 
e  air  duine,  e  bhi  gaolach  air  a  bhi  mor,  e 
bhi  Ian  dheth  fhein,  gaolach  air  a'   cheud 


chathair  fhaotainn  anns  a  h-uUe  cuideachd, 
agus  cho  dannarra  agus  cho  gaolach  air  a 
bheachdan  agus  a  thoil  fhein  a  chur  an 
gniomh  's  gur  coma  leis  agus  gur  beag  aige 
ciod  a  tha  daoine  eUe  a'  smuaineachadh  no 
a'  faireachduin.  Saltraidh  e  air  faireach- 
duinean  dhaoine  ciuin  mar  nach  robh  annta 
ach  daolag  no  caUleach-cheosach  fo  chasan. 

Sin  agad  an  duine  a  tharruing  an  t-abstol 
Eoin  a  dhealbh  leis  an  aon  fhacal  so,  duine 
a  bha  cho  eu-coltach  ri  Gains  gradhach  's 
a  tha  blaths  ri  fuachd.  Cha  robh  duine  a 
rachadh  an  coir  na  h-eaglais  far  an  robh 
Gains  a'  riaghladh  nach  biodh  ag  innseadh 
an  deidh  laimhe  gu'm  bu  duine  dileas  agus 
gaolach  a  bha  ann,  bl^th  agus  baigheil  ri 
bhraithrean  agus  ri  coigrich. 

Ach  chan  abradh  iad  sin  mu  Dhiotrephes, 
agus  cha  mho  a  tha  an  t-abstol  Eoin  'ga 
radh  ;  cha  robh  esan  blath  no  gaolach  ;  ann 
an  cainnt  a  Bhiobuill  bhiodh  e  a'  bith- 
labhairt  an  aghaidh  a  bhraithrean  le  briath- 
ran  aingidh,  agus  a'  bacadh  dhaibh  gabhail 
ri  daoine  nach  bu  toigh  leis  fhein,  agus  'g 
an  tilgeadh  a  mach  as  an  eaglais — ^rud  a  tha 
a'  ciallachadh  ann  an  cainnt  an  t-saoghail 
nach  robh  ann  ach  br^thair  bochd,  Crios- 
duidh  air  nach  'eil  coslas  a  Mhaighstir,  duine 
durbhaidh  gun  bhlaths  a  bhiodh  eagal  air 
luchd-comanachaidh  oga  dol  air  a  bheulaibh 
gu  bhi  air  an  ceasnachadh  aig  an  ceud 
chomanachadh. 

Is  aithne  dhuit  fhein,  a  leughadair,  an 
duine  so  gu  maith  ;  tha  e  ri  fhaotainn  am 
measg  mhinistearan,  agus  am  measg  fhoirbh- 
each,  anns  a'  Chleir,  anns  an  t-Seanadh, 
agus  anns  gach  comunn  no  coinneamh  anns 
an  eaglais,  agus  tha  an  seorsa  eadhon  am 
measg  nam  ban  ;  daoine  a  tha  cho  gaolach 
air  an  toil  fhein,  agus  cho  miannach  air 
ughdarras  agus  ard-cheannas  a  bhi  aca  's 
gu'n  cum  iad  suas  canran  agus  dranndan 
gus  an  toirear  dhaibh  an  doigh  fhein  air 
ghaol  sithe  agus  air  ghaol  faotainn  dhach- 
aidh.  - 

Thugamaid  an  aire,  ma  ta,  thu  fhein  agus 
mi  fhein,  a  leughadair,  nach  'eil  freumh  de'n 
nadur  so  annainn  fhein,  air  eagal  gu'm  bi 
sinn  a'  toirt  oilbheim  do  dhaoine  eile  agua 
do  aobhar  an  Tighearna, 


ANNS  A'  CHATHAIR 


"A  bhrathair  ghradhaich,"  ars  an  t- 
abstol,  "  na  lean  an  ni  a  tha  olc,  ach  an  ni 
a  tha  maith." 

An  neach  a  tha  miannach  air  ard-cheannas 
a  bhi  aige,  chart  airidh  e  air  ard-cheannas  a 
bhi  aige,  agus  cha  bhi  aige  gu  brath  ach  a 
shamhladh. 

Ard-cheannas  Chriosd 

Dh'fhag  mi  am  fion  as  fhe&rr  gu  deireadh  ; 
an  uair  a  thoisicheas  tu  air  smuaineachadh 
air  krd-cheannas  Cbriosd  tha  thu  a'  dol  a 
steach  do  shaoghal  eile.  Tha  a'  bhuaidh 
sin  aig  Criosd  thairis  oirnn  daonnan ; 
socraich  t'aire  agus  do  smuaintean  coig 
mionaidean  air,  agus  bheir  e  t'inntinn  agus 
t'  fhaireachduin  air  falbh  o  nithean  a 
bhuineas  do'n  t-saoghal  so  gu  Dia  agus 
gu  ruintean  Dhe  agus  crioch  araidh  do 
bheatha  fhein — cia  as  a  thainig  mi  ?  car 
son  a  tha  mi  an  so  ?  agus  c'^ite  a  bheil  mi 
a'  triall  ?  Tha  guth  Chriosd  mar  dhruma 
anns  an  t-saoghal,  a'  cumail  nan  ceistean 
sin  'n  ar  cuimhne. 

A  reir  teagasg  Phoil  tha  ard-cheannas  aig 
Criosd  cheana,  oir  is  e  iomhaigh  an  De  neo- 
fhaicsinnich  leis  an  do  chruthaicheadh  na 
h-uile  nithe  agus  trid  a  tha  na  h-uile  nithean 
a'  co-sheasamh  ;  ceann  na  h-eaglais,  neach 
is  e  an  toiseach,  an  ceud-ghin  o  na  mairbh, 
a  rinn  na  h-uile  reidh  ri  Dia  tre  fhuil  a' 
chroinn-cheusaidh.  Sin  ard-cheannas  nach 
urrainn  sinne  a  thoirt  dha  no  thoirt  bhuaith, 
oir  thug  Dia  dha  cheana  e.  Ach  theid 
againn  air  a  thoirt  dha  le  ar  creideamh. 
Sin  an  aon  doigh  anns  an  urrainn  clann- 
daoine   ard-cheannas   a   thoirt   do   Chriosd, 


an  t-^ite  a  tha  am  BiobuU  agus  na  naoimh 
a'  toirt  dha,  "  Co  a  tha  sibhse  ag  rada  is 
mi?  "     "Mac  an  De  bheo,"  arsa  Peadar. 

An  aite  a  bhi  l^n  dheth  fein  dh'fhalmh- 
aich  Criosd  e  fein,  agus  chuir  ,e  sgaU  air  a 
ghloir  am  fianuis  dhaoine,  agus  bha  e 
umhail  gu  bas.  "  Air  an  aobhar  sin  dh'ard- 
aich  Dia  e,  agus  thug  e  dha  ainm  os  cionn 
gach  uile  ainme,  chum  gu'n  lubadh  gach 
glun  dha,  agus  gu'n  aidicheadh  gach  teanga 
gur  e  losa  Criosd  an  Tighearna  chum  gloire 
Dhe  an  Athar." 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana,  dutne  a  tha 
miannach  air  ^rd-cheannas  a  bhi  aige  agus 
air  a  bhi  mdr,  chan  airidh  a  air  a  bhi  m6r, 
ach  tha  ^rd-cheannas  Chriosd  air  a  st^idh- 
eachadh  air  na  puist  sheasmhach  so,  iimh- 
lachd,  agus  irioslachd,  agus  a  ghradh  iongan- 
tach,  gradh  a  bha  toileach  peacadh  an  t- 
saoghail  a  ghiulan  'na  chridhe  agus  'na 
chorp  fein. 

"  Dhasan  a  ghradhaich  sinn,  agus  a 
dh'ionnlaid  sinn  o  ar  peacaidhean  'n  a 
fhuil  fein,  agus  a  rinn  righrean  dhinn  agus 
sagartan  do  Dhia  dhasan  gu  robh  gloir 
agus  cumhachd  agus  4rd-cheannas  gu  saoghal 
nan  saoghal." 

Cha  bhi  ard-cheannas  iomlan  aig  Criosd 
gus  am  bi  an  saoghal  uile  a'  creidsinn  ann, 
agus  am  bi  rioghachdan  uile  a'  geilltinn  d'^a 
thoil.  Tha  Dia  a'  gairm  air  luchd-aideach- 
aidh  feuchainn  ri  ainm  Chriosd  ardachadh 
agus  a  dheanamh  aithnichte  gu  iomallaibh 
'n  a  talmhainn  le'm  fianuis  agus  le'm  maoin. 

BeannaichV  gu  robh  gu  siorruidh  buun 
ainm   gldr-mhor   uasal  fiin. 


Anns  a'  Chathair 


IS  beag  a  shaoil  mi  aon  uair  gu'm  bithinn 
a'  cur  seachad  feasgar  mo  laithean  ann  an 
Loudie,  air  m'aineol  am  measg  choigreach. 
Ged  is  maith  port  air  bith  ri  droch  uair,  agus 
ged  dh'fhaodadh  am  port  a  bhi  na  bu  mhiosa 
na  tha  e,  tha  e  duilich  do  dh'Eileanach  a  bha 
cleachte  'n  a  oige  ri  gainmhich  thioram  ghlan 
e  fhein  fhaireachduin  aig  an  tigh  ann  an 
criadh  bhuidhe  as  a  bheil  e  duilich  dha  a 
chasan  a  tharruing  air  la  fliuch,  no  ann  an 
kite  far  a  bheil  a'  ghaoth  an  ear  na's  blaithe 
na  a'  ghaoth  an  iar,  rud  neo-n^durra. 

Bha  mi  eolach  air  an  ainm  Loudie  'n  am 
bhalach,  fada  m'an  cuala  mi  riamh  iomradh 
air  Athbll,  oir  bha  dol  agus  tighinn  eadar 
a'  Ghkidhealtachd  agus  Loudie  ri  linn  mo 
sheanar,  agus  theagamh  na  b'anmoiche  na 
sin>  Bhiodh  fir  agus  mnathan  as  a  h-uile 
ce^rn  de'n  Gh^idhealtachd,  oho  fada  tuath 


ri  Cataibh  agus  cho  fada  siar  ris  na  Eileanan, 
a'  dol  a  dh'ionnsuidh  an  fhoghair  gu  Loudie, 
agus  an  uair  a  thigeadh  na  buanaichean  sin 
dhachaidh  bhiodh  iad  ag  innseadh  nan  ceart 
sgeulachdan  mu  fhearann  Loudie,  a  bhiodh 
Banrigh  Sheba  ag  innseadh  ann  an  Abysinnia 
mu  ghloir  Sholaimh.  Bhiodh  iad  ag  inns.- 
eadh  mu  dhailtean  bunt^ta  anns  an  robh 
d^  fhichead  acair,  agus  gun  14n-an-duira 
de  shalchar  annta ;  mu  choirce  a  bha 
seachd  troighean  anns  a'  chois,  agus'^  a^ 
bhuaileadh  sia  bagaichean  fichead  an  t- 
acair,  agus  mu  thuirneap  a  bha  gach  te 
dhiubh  na  bu  mhotha  na  do  cheann.  Bhiodh 
croitearan  Gaidhealach  nach  faca  riamh  dad 
a  b'fhearr  na  na  cleoban  beaga  aca  fhein^ 
riomhach  'n  an  dath  le  neoineanan  buidhe 
agus  neoineanan  geala,  feanntagan  cuiseagan 
is   buaghallain,   fliodh   is   mac-an-dogha   is 


ANNS  A'  CHATHAIR 


diogain — bhiodh  iad  ag  osnaich  le  ionghnadh 
agus  farmad,  a'  cluinntinn  mu  fhearann  agus 
mu  thuathanaich  Loudie.  "  An  uair  a 
shealladh.  tu  air  a'  chxoit  aige  shaoileadh  tu 
gur  aim  an  Loudie  a  bha  thu,"  b'e  sin  am 
moladh  a  b'^irde  air  obair  croiteir  an  Tiriodh 
'n  am  6ige-sa. 

Chan  'eil  na  h-achaidhean  cho  glan  ann 
an  aite  air  bith  an  diugh  's  a  bha  iad  an 
uair  a  bha  tuarasdal  sheirbhiseach  beag, 
ach  tha  mi  an  duil  gu  bheil  na  tuathanaich 
as  fhearr  an  Albainn  ann  an  Loudie  fhathast, 
agus  ged  nach  cuala  mi  guth  na  cuthaig  ann, 
tha  cronan  agus  torman  an  tractoir  'n  am 
chiuais  o  mhoch  gu  dubh.  Ach  chan  'eil  an 
tractor  agus  grinneas  a'cordadh  ri  cheUe. 

An  uair  a  bha  drobhan  de  bhoirionnaich 
as  a'  Ghaidhealtachd  a'  tightnn  a  dh'obair 
do  Loudie  fad  choig  ^afiosan  no  uime  sin  a 
h-uUe  bHadhna  b'e  tasdan  's  an  latha  an 
tuarasdal  a  bha  aca,  agus  choisicheadh  iad 
a  h-uUe  ceum  o  mhachair  Rois  a  dh'fhaotainn 
a'  chosnaidh  sin.  Ged  is  maith  gu'n  d'fhalbh 
na  droch  laithean  ud  thug  iad  air  falbh 
iomadh  rud  maithj^  jtf^  sinn  ag  ionndrainn 
an  diugh  ;  thug  iad  air  falbh  an  sprachd 
agus  a'  mhisneach  agus  an  fhoghainteachd 
agus  an  fhein-earbsa  a  bheireadh  air  daoine 
lub-a-gheoidh  fhagail,  agus  dol  a  mach  mar 
rinn  Abraham  a  dh'iarraidh  an  fhortain 
agus  beo-shj^tnt  ann  an  diithaich  a  b 'fhearr. 

An  de  fhein  leugh  mi  ann  am  paipear- 
naidheachd  gu'n  do  dhiiilt  nigheanan  ann  an 
Lanark  dol  a  dh'obair  do  Shasunn  a  chionn 
nach  robh  an  obair  aig  an  tigh,  a'  tagradh 
gu  robh  cdir  aca  air  aran  an  diomhanais 
fhaotatnn,  agus  cuid  mhaith  dheth,  gus  am 
faigheadh  an  Riaghaltas  obair  dhaibh  aig 
an  ursainn.  Tha  am  facal  sin  cdir  an  deidh 
eanchaijmean  dhaoine  a  chur  air  ghlagadaich. 

Chan  'eil  cuimhne  agam  air  boirionnaich 
a  Tiriodh  a  bhi  dol  a  dh'  ionnsuidh  na  buana 
gu  Loudie,  oir  bha  obair  eile  air  fosgladh 
romhpa  'n  am  latha-sa,  ach  tha  cuimhne 
agam  air  aithrichean-teaghlaich,  gun  sgoil 
gun  Bheurla,  a  rachadh  as  an  ceann  fhein 
agus  air  an  cosdas  fhein,  cho  fada  tuath  ri 
Sealltainn  a  dh'iarraidh  eosnaidh  an  am  an 
iasgaich.  Ged  nach  robh  boinne  de  fhuil 
Abrahaim  annta,  sin  an  seorsa  dhaoine  ris 
an  abrainn-sa  sliochd  Abrahaim  (air  nach 
robh  eagal  lub-a-gheoidh  fhagail  agus  dol 
a  mach  gun  fhios  aige  ciod  a  bha  roimhe)  ; 
daoine  aims  an  robh  misneach  agus  sprachd 
agus  earbsa  arms  an  Fhreasdal  agus  annta 
fhein.  Gu  de  as  fhearr  duine  gun  mhisneach 
na  coinean  ? 

Tha  aon  tuathanachas  anns  an  t-siorr- 
amachd  so  a  bha  ainmeil  o'n  is  cuimhne  leam, 
Fentonharns,  far  an  robh  an  aon  teaghlach 


corr  agus  ceud  bUadhna ;  an  seanair,  a  mhac, 
agus  an  t-ogha,  agus  far  am  bitheadh  ,an 
t-iar-ogha  cuideachd  mur  bitheadh  gu'n  do 
chuir  an  t-uachdaran  a  bha  'n  a  Thory.  a 
mach  iad  a  chionn  gu  robh  Seoras  Hope  'n 
a  Liberal.  Theagamh  gu  robh  rud  beag  a 
dh'fharmad  ann  cuideachd,  oir  ged  nach 
robh  Seoras  Hope  cho  usaal  ris  an  uachdaran 
'n  a  bhreith,  bha  e  a  cheart  cho  uasal  ris 
aims  gach  doigh  eile,  anns  an  t-seasamh  a  bha 
aige  anns  an  diithaich,  agus  air  na  Comuinn 
air  an  robh  e  daonnan  air  a  chur  anns  an 
t-Siorramachd  agus  an  Dtm-eideann  a  chionn 
gu  robh  gliocas  agus  ughdarras  'na  fhacal. 

Ghabh  an  seanair  Fentonharns  ann  an 
1770,  duine  Ikidir  cruaidh  a  fhuair  air  mh^ 
iosal  (cha  b'fhiach  e  an  corr)  agus  air  aonta 
naoi  bliadhna  deug,  baile  fuar  fliuch  mu 
thri  ceud  acair,  gun  feadain  no  pioban  uisge 
ann,  agus  am  barr  air  a  thacadh  le  lusarnach 
is  salchar.  Ach  le  dichioU  agus  a  shaothair 
fhein  chuir  e  dreach  ur  air  an  aite,  agus  lean 
a  mhac  agus  ogha  air  a  mhathachadh,  a' 
taomadh  aoil  agus  innear  agus  guano  ann, 
gus  mu  dheireadh  an  robh  am  mal  tri  puinnd 
's  a  crim  an  t-acair. 

Bha  coig  sgalagan  fichead  air  an  fhearann, 
agus  a  cheart  uiread  bhoirionnach,  agus  aig 
amannan  de'n  bhliadhna  d^  fhichead,  agus 
bhiodh  muinntir  Loudie  ag  radh,  an  uair  a 
bhiodh  na  Hielanders  a'  tanachadh  tiiirneap, 
deich  no  coig  deug  dhiubh  'n  an  sreath  's 
iad  a'  goileab  ri  cheiie  ann  an  Gaidhlig,  gu'n 
saoileadh  iad  gu  robh  iad  a'  cluinntinn  mile 
faoUeann  a'  sgriachail  air  a'  Bhass  Rock, 
Bhiodh  iad  a'  magadh  air  cainnt  c^ch  a 
cheiie,  na  Deasaich  ag  r^dh  nach  robh  an 
Gaidhhg  ach  gorrachdail  a  dh'ionnsaich  iad 
o  na  h-eoin,  agus  na  Tuathaich  ag  radh  nach 
e  Beurla  idir  a  bha  aig  muinntir  Loudie  ach 
cainnt  a  dh'ionnsaich  iad  o  na  ceaird. 

An  uair  a  bha  Seoras  Hope  ann  an  Fenton- 
harns bha  e  air  a  radh  gur  e  baile  fearainn 
a  b 'fhearr  a  bha  air  oibreachadh  am 
Breatunn.  Bhiodh  moran  uachdaran  a 
Sasunn  agus  gach  dtithaich  de'n  Roinn- 
Eorpa  a'  tighinn  'g  a  fhaicinn,  agus  chuireadh 
iad  dhiubh  an  adaichean  an  uair  a  chitheadh 
iad  am  barr  gun  salchar  a  bha  fas  air  ach- 
aidhean  mora  ceithir-chearnach,  anns  an 
robh  an  treabhadh  a'  tighinn  cho  dluth  ri 
troigh  do'n  gharradh,  agus  anns  nach  robh 
geata  gun  Itidagan,  no  oisean  air  fhagail  gun 
tionndadh.  Ach  an  diugh  is  e  stoc-  de 
chrodh-bainne  a  tha  air  Fentonharns,  is 
theagamh  gu  bheil  sin  na's  buannachdaile 
'n  an  tuathanachd  uasal  a  bha  Seoras  Hope 
a'  deanamh.  Ma  dh'eisdeas  tu  ri  A.  G. 
Street  a'  bruidhinn  air  an  Radio  bheir  thu 
an  aire  gu   bheil  seann  daoine   a  tha  an 


AIG  AN  UNINEIG 


tuathanachd  'n  an  nadur  agus  'n  am  full  'g 
a  chunntas  'n  a  sheorsa  de  thamailt  a  bhi 
a'  reic  bainne  an  aite  cruithneachd. 

Air  an  t-seachduin  a  chaidh  dh'iarr  mi 
air  coimhearsnach  a  thomhas  gu  de  a'  cheud 
rud  a  rinn  mi  an  deidh  dhomh  mo  chairtealan 
a  shuidheachadh  ann  an  Loudie  ann  an 
toiseach  a'  Mtiaigh.  Theagamh  gur  e  colair 
ministeir  a  bhi  orm  a  thug  air  a  radh,  an 
d^idh  dha  a  bhi  leth-mionaid  'n  a  thosd,  An 
deachaidh  thu  a  dh'fhaicinn  far  an  do 
rugadh  Iain  Knox  "?  Chan  e  mhain  nach 
deachaidh  mi  air  an  turns  sin,  ach  feumaidh 
mi  aideachadh  nach  do  bhuail  e  idir  air 
m'inntinn  gu'm  bu  choir  dhomh  mo  bheic 
do  Iain  Knox  a  dheanamh  gun  uine  a  chall. 
An  sin  dh'fheuch  e  a  rithist  agus  thubhairt  e, 
"  An  deachaidh  thu  gu  Prestonpans  a  dh' 
fhaicinn  an  aite  far  an  do  liodair  Prionns 
Te^rlach  agus  na  Gaidheil  Sir  Iain  Cope." 
Cha  deachaidh  na's  mo  ;  is  e  a'  cheud  rud 
a  rinn  mi  an  leabhar  a  sgriobh  Sir  Walter 
Scott  "  Bean-bhainse  Lammermuir "  a 
leughadh  as  iir,  ged  a  leugh  mi  e  cheana  sia 
no  seachd  a  dh'uairean.  Chan  ann  air  a' 
cheud    leughadh    as    fhearr    leabhraichean 


Scott  ach  air  an  leughadh  mu  dheireadh,  an 
uair  nach  mor  nach  'eil  iad  agad  air  do 
theangaidh. 

Ged  tha  meas  gu  leoir  agam-sa  air  Iain 
Knox  agus  air  an  obair  a  rinn  e  an  Albainn 
tha  fada  barrachd  gaoil  agam  air  Sir  Walter 
Scott,  agus  ged  dhealaich  mi  ris  a'  chuid 
mhor  d'am  leabhraichean  agus  de  m'airneis 
tha  a  dhealbh  os  cionn  an  dasc  agam  fhath- 
ast.  Duine  mor,  agus  duine  uasal,  a 
thug  uiread  solais  do  dhaoine  eUe  's  nach 
paigheamaid  ar  fiachan  dha  ged  leanamaid 
air  tuis  a  losgadh  dha  mile  bliadhna. 

Is  suarach  an  t-astar  a  tha  e  as  a  so,  an 
t-aite  anns  an  do  shuidh  Ravenswood  agus 
Lucy  Ashton  aig  an  tobar,  agus  an  do  dh'ioc 
iad  am  boidean  d'a  cheUe,  agus  tha  mi  an 
dochas,  uair  no  uaireigin,  dol  a  dh'61  dibhe 
as  an  fhuaran  sin. 

Am  measg  gach  beannachd  eile  a  dhoirt 
Dia  air  mo  cheann  thuit  mo  lion  anns  an 
laithean  so  ann  an  sgireachd  far  a  bheil 
ministear  cho  maith  's  gu'm  bi  fadachd 
orm  gus  an  tig  la  na  Sabaid,  agus  an  teid 
mi  do'n  eaglais  'g  a  eisdeachd  le  ro-aire  agus 
buannachd  agus  tlachd. 


Aig  an  Uinneig 


AN  la  roimhe  bha  caraid  sonruichte  agus 
mi  fhein  a'  sraideamachd  anns  a'  gharadh, 
agus  cia  dhiubh  is  e  na  chunnaic  e  ann  de 
lus-an-easbuig  agus  de  luibhean  eile  nach 
bu  choir  a  bhi  idir  aig  gairnealair  maith  a 
chuir  'n  a  cheann  e,  dh'innis  e  dhomh  mar 
thuirt  duin-eigin  ri  duin-eigin  eile  a  mhol 
an  garadh  aige  agus  e  air  m  thighinn  a 
dh'fhuireach  do'n  tigh.  "  Cha  robh  thu 
fada,"  ars  esan,  "  'g  a  fhaotainn  air  doigh  ; 
cha  robh  thu  fhein  agus  Dia  'n  'ur  tamh  ; 
rimi  sibh  obair  mhaith." 

"  Tha  e  a  nis  meadhonach  glan  co  dhiubh," 
ars  an  duine,  "  ach  na'm  faiceadh  tusa  na 
bha  ann  de  shalchar  an  uair  a  bha  e  aig  Dia 
dha  fhein!  " 

Cha  robh  e  'n  a  inntinn  a  bhi  toibheumach, 
ach  cha  bu  mhaith  leis  gu'n  dichuimhnich- 
eadh  a  charaid  a  shaothair  fhein. 

Gu  de  a  Ghaidhlig  a  tha  air  tidy  ?  Grinn, 
no  sgeanail,  no  sgiobalta,  no  sgiolta, 
no  ciod  eUe  ?  Ach  ciod  air  bith  a'  Ghaidhlig 
a  tha  air,  chan  iirrainnear  a  r^dh  gu  bheil 
N^dur,  ar  m^thair-thalmhainn,  tidy.  Cha 
b'fhianuis-bhreige  e  a  r^dh  uimpe  nach  'eil 
innte  ach  luid,  agus  ma's  duine  thu  a  tha 
gaolaeh  air  crioman  de'n  talamh  a  chumail 
reidh  agus  glan  agus  snog,  gu'm  feum  thu 
bhi  air  a  s^il  agus  sguab  'n  ad  laimh  gun 
sgur. 


Tha  fichead  rud  maith  eile  a  dh'fhaodar 
a  radh  uimpe  ;  tha  i  maiseach,  tha  i  firinn* 
each,  tha  i  fialaidh  ;  chan  'eil  claon-bhaigh 
aice  ri  neach  seach  a  cheile,  ach  chan  e 
mhain  nach  'eil  i  tidy  ach  tha  i  suarach  ged 
nach  'eil,  agus  is  beag  aice  an  sguabadh  agus 
sguradh  leis  am  bi  mnathan-tighe  sgoinneil 
'g  am  pianadh  fhein  agus  a'  pianadh  dhaoine 
eile.  Siolachadh  agus  breith  agus  pailteas,  sin 
as  motha  a  tha  air  a  h-aire,  agus  cho  fad  's 
a  bhios  gu  leoir  dhiubh  ann  is  coma  leatha 
CO  dhiubh  a  tha  a  clann  diolain  no  nach  'eil. 
Chan  e  mhain  gu  bheU  i  rti-r^,  ach  theid  i 
air  an  ran- dan  ;  fosglaidh  i  a  broilleach 
agus  bheir  i  bainne  do  na  feanntagan,  is  do 
chopagan,  is  do  na  diogain  a  bhios  sinne  a' 
mallachadh,  cho  suUbheara  's  a  bheir  i  e  do 
chraobhan  iibhlan  a  bhios  sinn  a'  beannach- 
adh.  Chan  'eil  i  a'  cur  crioch  eile  roimhpe 
ach  beatha,  agus  beatha  am  pailteas,  a  bhi 
air  an  talamh. 

Tha  am  BiobuU  ag  radh  gur  e  Dia  a  thug 
air  craobhan  agus  preasan  agus  luibhean 
iks  air  an  talamh  ;  car  son  a  chuir  e  lus-an- 
easbuig  ann  ?  Tha  feum  air  choreigin  ann 
an  grunnasg  a  bheir  siol  do  na  h-eoin,  agus 
ann  am  buaghaUain-bhuidhe  a  bheir  mil 
do  na  seUleanan,  agus  a  dh'itheas  na  caoraich 
anns  an  earrach,  ach  chan 'eil  feum  ann  an 
lus-an-easbuig   ach   a    bhi   a'    briseadh   do 


CINN-TIE-E 


dhroma  'g  a  spionadh,  agus  a'  toirt  cothroim 
do'n  fheadhainn  sin  d'  ad  chairdean  mu'n 
dubhairt  Solamh,  "  Is  dileas  lotan  caraid," 
air  a  rkdh.  riut,  "  Nach  l^idir  na  luibhean 
a  tha  agad  anns  an  oisean  ud  thall ;  c'uin 
a  thig  am  fliir  orra  ?  "  mar  nach  robh  fhios 
aca  gle  mhaith  gur  e  lus  an  Easbuig  a  bha 
ann. 

An  uair  a  thubhairt  mi  nach.  'eil  feum  ann 
an  lus-an-easbuig  labhair  mi  ro  chabhagach 
oir  b'ionann  e  ri  amaideas  a  chur  as  leth 
Dhe  a  radh  nach  'eil  feum  ann  an  rud  air 
bith  a  rinn  e.  Tha  mile  diomhaireachd 
anns  a'  chruthachadh  air  am  folach  oirnne 
fhathast,  agus  bhiodh  e  dana  dhuinn  a  radh 
nach.  'eil  feum  ann  an  luibh.  air  an  do  chuir 
Dia  a  mach  uiread  d'a  ghliocas,  d'a  chumh- 
achd  agus  d'a  ghradh.  Thug  Dia  air 
luibhean  na  machrach.  fas  a  chur  maise  air 
an  t-saoghal  anns  a  bheil  an  dachaidh.  aig 
a  chloinn  air  son  iiine  bhig,  agus  ma  nochd 
e  an  ciiram  agus  an  gradh  sin  a  thaobh  ar 
tigh-talmhaidh  anns  nach.  'eil  ar  comhnuidh 
againn  ach.  re  sealain,  nach  faod  thu  a  bhi 
cinnteach  gu  bheil  e  ag  uUachadh  nithean 
as  fhearr  air  ar  son  anns  an  t-saoghal  eile, 
agus  gu  bheil  maise  agus  gloir  do-labhairt 
a'  feitheamh  oirnn  'n  ar  dachaidh  bhuan. 

Ged  bha  mi  air  mo  thogail  agus  air  mo 
theagasg  gu  maith  ann  an  l^ithean  m'oige 
bha  aon  ni  sonruichte  anns  nach  d'fhuair 
mi  teagasg,  agus  a  bha  'n  a  chall  dhomh 
nach  d'fhuair,  eolas  air  na  nithean  cumanta 
a  bha  mu'n  cuairt  orm  anns  a'  chruthachadh. 
Ged  bu  bheag  an  t-eolas  a  thogadh  balach 
o  sheanchas  a  theaghlaich  agus  nan  coimh- 
earsnach  agus  dhaoine  eile  mu  aghaidh  na 
speur  agus  mu  uachdar  an  talaimh,  bu 
mhaith  am  beagan  sin  fhein,  ach  cha  d'fhuair 
mi  e  'n  am  dhachaidh  no  anns  an  sgoil. 
Bha  mo  mh^thair  'n  a  sgoilear  maith,  fiosrach 
ann  an  doighean  eile,  ach  chan  'eil  mi  an 
dull  gu'm  b'aithne  dhi  an  t-ainm  ceart  an 
G^idhlig  air  fichead  fltir,  no  gu'n  aithnich- 
eadh  i  moran  dhiubh  o  cheile. 

Bha  sinn  uile  mar  sin ;  an  tuathanach, 
an  ciobair,  an  croitear,  am  maighstir-sgoil, 
balaich  agus  caileagan,  tur  aineolach  air 
na  nithean  a  bha  mu'n  cuairt  oirnn,  agus 
as  an  robh  sinn  a'  deoghal  solais  le  suil  agus 
sron   gach    latha.     Bha    mise    a'    leughadh 


bardachd  Homer,  no  a'  feuchainn  ri  leugh- 
adh, 'n  am  cheithir  bliadhna  deug,  ach  cha 
b'urrainn  dhomh  ainm  aon  lus  as  an  fhichead 
innseadh  dhuit  a  thachradh  oirnn  an  uair  a 
bhitheamaid  a'  glanadh  a  bhunt^ta.  Coltach 
ris  an  amadan  bha  ar  stiilean  an  iomall  na 
talmhainn,  air  Nebuchadnesar  agus  Napoleon 
agus  Prionns  Te^rlach,  agus  gun  faigh- 
neachas  no  feorachas  idir  'n  ar  n-inntinn 
mu  na  nithean  a  bha  aig  an  dorus. 

Aon  uair  bha  mi  an  dtiil,  agus  bha  nkire 
orm  air  a  shon,  gu  robh  mi  fhein  na  b'aineo- 
aiche  na  mo  cho-aoisean  eile  anns  a'  cheum 
so,  ach  an  uair  a  dh'fhag  mi  eilean  m'araich 
agus  a  thoisich  mi  air  tachairt  ri  gillean  a 
ce^rnaibh  eile  de'n  Ghaidhealtachd  agus 
na  h-Eileanan,  chunnaic  mi,  ma  bha  mise 
dona,  gu  robh  a'  chuid  mhor  dhiubh-san  na 
bu  mhiosa.  Agus  mar  is  farsuinge  a  tha 
m'fhiosrachadh  a'  dol  bhuaith  sin  is  ann 
is  cinntiche  a  tha  mi  nach  'eil  daoine  eile  an 
Albainn  a  tha  cho  fada  air  an  ais  a  thaobh 
eolas  Naduir  ri  muinntir  nan  Eileanan  an 
lar.  Agus  ged  tha  iarraidh  air  fearann  anns 
na  h-Eileanan,  agus  ged  tha  a'  chuid  mhor 
de'n  t-sluagh  a'  toirt  am  beo-shlaint  a 
croitean,  tha  mi  an  dull  nach  'eit  fior  ghaol 
na  talmhainn  'n  an  cridhe,  agus  nach  'eil 
e  'n  a  sholas  dhaibh  a  bhi  ag  oibreachadh 
air. 

An  uair  a  bha  mi  'n  am  bhalach  bhithinn 
air  mo  ghluinean  a'  glanadh  buntata,  agus 
is  e  an  aithne  a  bhiodh  air  a  toirt  dhomh 
gun  dad  fh^gail  ach  b^rran  a'  bhuntata  ; 
gach  luibh  eile  a  thachradh  orm  anns  an  t- 
sreath  a  spionadh  as  an  talamh  a  chionn 
nach  robh  annta  ach  salchar.  Nach  b'e 
'n  t-ainm  e  air  luibhean  is  fliiraichean  a  rinn 
Dia  cho  riomhach  ri  cleoca  Sholaimh! 

Uair  a  bha  mi  ann  an  Gleann  Moireasdan 
spion  mi  buaghalan  as  an  talamh  is  dh'fhaigh- 
nich  mi  de  leth-sheann  duine  aig  an  robh 
Gaidhlig  mhaith,  Gu  de  a  Gh^idhlig  a  tha 
agaibh  air  an  lus  sin  ?  "  Cha  chuala  mise 
riamh  Gaidhlig  eile  air  ach  Stinking  Willie," 
ars  esan.  Co  an  duine  no  na  daoine  gun 
naire  a  thug  an  t-ainm  sin  air  an  toiseach  ? 
Bu  choir  am  facal  stinking  fhagail  aig  na 
chemists,  agus  ainmean  boidheach  a  thoirt 
do  na  nithean  a  rinn  Dia  maiseach  'n  an 
dreach  agus  ctibhraidh  'n  am  f^ileadh. 


Cinn-tire 

Lets  an  Urramach  Aonghus  Mac-a-Bhiocair,  M.A 


CHAN  'eil  da  dhoigh  air  nach  e  dtithaich 
^illidh  fhallain  a  th'  ann  an  Cinn-tire ;  tha 
am  fearann  torrach,  agus  a'  mhuir  a  tha, 


cha  mhor  'ga  chuartachadh,  14n  de  gach 
seorsa  eisg,  agus  mar  bu  dual  do  dhaoine  a 
tha  a'  toirt  am  beo-shl^inte  as  an  talamh  is 


6 


CINN-TIRE 


as  a'  chuan,  tha  an  sluagh  tuigseach, 
dichiollach,  stuama  'nan  cleachdannan  agus 
cairdeil,  coibhneil  anns  gach  doigh.  Nis, 
mar  a  bhios  fios  agaibh,  cha  mhor  nach 
'eil  Cinntire  'na  eilean,  ach  a  dh'  aindeoin 
sin  ghabhadh  ris  aon  uair  mar  eilean.  'S 
ann  mar  so  a  thachair  : 

Anns  na  seann  laithean  bho  cMonn  fada, 
bha  na  h-EHeanan  an  lar  for  riaghladh 
righrean  Xochlainn  re  ceithir  cheud  bliadhna 
co-dhiubh.  Thug  aon  de  na  righrean  sin, 
Manus,  ordugh  aon  uair  d'  a  chuid  fhearaibh 
na  h-eithrichean  aca  tharruing  bho'n  Tair- 
beart  Shear  a  dh'  ionnsuidh  na  Tairbeart 
Siar  car  mu  mhile  dh'  astar,  agus  mar  sin 
a'  deanamh  eilean  de  Chinntire.  Riamh 
bho'n  uair  sin  bha  Cinntire  air  a  chunntas 
ann  an  rioghachd  nan  Eilean. 

Mu'n  d'  thainig  na  tuathanaich  agus  na 
ciobairean  Gallda  do'n  dtithaich,  b'  i  Gaidhlig 
canaiti  coitcheann  an  t-sluaigh,  agus  bha  na 
cleachdannan  Gaidhealach  air  an  cumail 
mar  a  tha  iad  fhathast  far  a  bheil  a'  Gbaidhlig 
air  a  bruidhinn  air  an  taobh  an  ear  agus  air 
an  taobh  an  iar  agus  anns  na  glinn. 

'Nuair  a  thainig  raise  do'n  sgireachd  so 
o  chionn  seachd  bliadhna  deug  ar  fhichead 
bha  seann  teaghlaichean  's  an  aite  bh'  ann 
o  shinnsearachd — Clann  'lo  Aoidh,  Clann 
'Ic  NeUl,  agus  Clann  'Ic  Eacharna — daoine 
coire,  modhail,  tuigseach,  aig  an  robh  cuimhne 
mhath,  agus  's  ann  aca-san  a  chuala  mi  na 
naidheachdan  a  tha  mi  dol  a  dh'  innseadh 
dhuibh  air  an  duUleig  so. 

Calum-cille 

Tha  aon  ni  a  tha  muinntir  Chinn-tire  mor 
as,  agus  chan  ionghnadh  e !  Tha  e  air  a 
bheid-aithris  'nam  measg,  o  linn  gu  linn, 
gur  ann  an  Ceann  Siar  Chinn-tire  a  thainig 
Calum  Cille  agus  a  chompanaich  'nuair  a 
dh'  fhag  iad  Eirinn,  gu  tir  an  toiseach  an 
Albainn.  Chan  'eil  an  rud  eu-coltach,  oir 
chan  'eil  an  caol  eadar  Ceann-a-tuath  Eirinn 
agus  Maol  Chinn-tire  ach  mu  dheich  mile 
mara  air  leud  ;  agus  air  uairibh,  tha  barrachd 
earbsa  ri  chur  ann  am  beul-aithris  an  t- 
sluaigh  na  an  leabhraichean-eachdraidh,  gu 
h-araidh  an  leabhraichean-eachdraidh  nan 
sgoiltean.  Tha  larach  na  h-eaglaise  a  thog 
Calum  ri  fhaicinn  fhathast,  agus  a'  chlach 
ghlas  air  am  b'  ^bhaist  dha  seasamh  'nuair 
a  bha  e  searmonachadh  's  an  sluagh  'nan 
suidhe  mu  choinneamh  air  leanaig ,  chais, 
uaine,  ris  an  abrar  gus  an  la  'n  diugh 
"  Gualann  a'  Phobuill."  Da  cheud  slat  an 
iar  air  an  eaglais  tha  an  uamh  far  an  d' 
fhuirich  Calum  agus  a  mhanaich. 

Tha  Cnoc  na  h-Eaglaise  os  cionn  a'  chlad- 
aich,  agus  mu  mhile  an  taobh  an  ear  dheth 


tha  Caisteal  Dhun  Abhartaidh  air  rudha 
greannach,  ard,  am  freadharc  a'  chuain. 
B'  e  so  an  liichairt  a  bu  treasa  a  bha  aig 
Clann  Iain  Mhoir  an  Cinn-tire.  Na  'm  b' 
urrainn  clachan  a'  ChaisteU  bruidhinn  's 
iomadh  rud  a  dh'  fhaodadh  iad  innseadh. 
Ach  tha  aon  ni  nach  dichuimhnichear  gu 
brath,  fhad  's  a  bhios  duine  beo  an  Cinn-tire, 
agus  's  e  sin  mar  a  mharbh  's  a  mhort 
Gilleasbuig  Gruamach  agus  Seanalair  Leslie 
's  a'  chuid  shaighdearan  a  h-uile  duine  a 
bha  an  Gearsadan  Dhim- Abhartaidh — corr 
agus  tri  cheud  anam,  sean  is  6g,  beag  is 
mor,  fir  is  mnathan  is  clann — anns  a' 
bhliadhna  se  ceud-deug  da  fhichead  'a  a 
seachd.  Gnothach  oillteil  air  am  bi  cuimhne 
fhad'  's  a  bhios  clach  air  muin  cloiche  's  a' 
Chaisteal.  Cha  do  theich  duine  beo  as  ach 
aon  bhoirionnach,  Fionnaghal  Nic  Ambrois, 
agus  an  leanabh  a  bha  i  'g  altrum,  mac  agus 
oighre  Ghilleasbuig  Oig  Eilean  Amhuinn. 
Aig  an  Fhreasdal  tha  fhios  cia  mar  a  fhuair 
i  as  leis  na  creagan  agus  a'  mhuir  air  an  aon 
laimh,  agus  an  Seanalair  Mor  agus  a  shaigh- 
dearan cruaidh-chridheach  air  an  laimh  eUe. 
C6-dhiubh  fhuair  i  air  falbh  le  Raghnall 
Beag  'na  h-uchd,  agus  thog  i  oirre  do  dh' 
uamh  Bhorrgadail.  Ann  an  sin  dh'  altruim 
agus  chum  i  beo  am  p^isde  le  bainne  gobhair 
agus  le  brochan  de  bh^rr  na  min-choirce  a 
rinn  i  ann  an  sgileid  bhig.  B'  aithne  dhomh 
seana  bhean  anns  an  sgireachd  agus  dh' 
innis  i  dhomh  gu'm  fac  a  m^thair  an  sgUeid 
iomadh  uair  an  tigh  coimhearsnaich  ann  an 
Carragh  Sgeith. 

Dh'  fhas  Raoghnall  suas  'na  dhuine  gasda, 
treun,  fearaU,  agus  fhuair  e  air  ais  oighreachd 
athar  's  a  shinnsearachd.  Chaochail  e 
'nuair  a  bha  e  'na  dhuine  gu  math  6g,  agus 
tha  e  an-  a  thiodhlacadh  an  Cill  Chaluim- 
Chille.  Bho  chionn  fichead  bliadhna  air  ais 
bha  'm  fear  mu  dheireadh  de  theaghlach 
Eilean  Amhuinn  agus  a  bhean  air  chuairt  's  an 
diithaich  so  a  Africa-a-Deas,  agus  thadhaU 
iad  orm  's  chaidh  sinn  sios  do'n  chladh. 
'Nar  seasamh  aig  uaigh  Raoghnaill  dh' 
innis  mi  dhoibh  an  naidheachd  mar  a  dh' 
innis  mi  dhuibh-se  i,  agus  thachair  dhomh  a 
radh  gu'n  robh  e  posda  ri  te  de  Stiubhartaich 
Bhoid,  Shin  a'  bhean  uasal  am  mach  a 
l^mh  chli  is  thubhairt  i :  "  Sin  agaibh  air 
mo  mheur-sa  am  fainne  a  thug  Raoghnall 
dhith." 

Theagamh  gu'n  cuala  sibh  gu'n  d'  fhuair 
Righ  Raibeart  Brus  fasgadh  aon  uair  an 
Caisteal  Dhun  Abhartaidh,  ach  mar  thubh- 
airt Lachlainn  coir,  a  dh'  innis  an  naidh- 
eachd dhomh,  's  e  sgeul  eile  tha  'n  sin. 
'Nuair  chuir  Clann  Dtighaill  a  Lathurna 
ruaig  air  armailt  a'   Bhruis,   bha  an  Righ 


CIMC-TIRE 


'na  fhogarrach  air  feadh  Earra-Ghaidheal, 
is  fa  dhe6idh.  rainig  e  Cinntire.  Oidhche 
de  na  h-oidhchean  an  toiseach  a'  gheamh- 
raidh,  's  e  flinch,  fuar,  sgith  agns  acrach, 
th^inig  e  dh'  ionnsuidh  tigh  Fhearchair 
Mhic  Aoidh,  a  bha  'na  thuathanach  's  a' 
bhaile  ris  an  abrar  Uigeadail  lochdarach 
Thug  Fearchar  aoigheachd  dha  agus  cuid 
na  h-oidhche.  'S  a'  mhaduinn  dh'  iarr  e 
air  Fearchar  dol  greis  de'n  rathad  leis,  oir 
bha  e  deanamh  air  Caisteal  Dhun-Abhart- 
aidh.  Cha  robh  fios  aig  Fearchar  co  bh'  ann, 
ach  mu'n  do  dhealaich  iad  dh'  innis  an  Righ 
dha  CO  bh'  aige.  'Nuair  a  sheall  Fearchar  an 
t-shghe  dha  thug  e  taing  dha  agus  thubhairt 
e  :  "  Ma  gheibh  mise  an  Crtin,  bu  toil  learn 
rud-eigin  a  dheanamh  air  son  a'  chaoibhneis 
mhoir  a  nochd  thu  dhomh.  Gu  de  b'  aill 
leat  1  "  "  Na  'm  faighinn-sa,"  thubhairt 
Fearchar,  "an  da  bhaile  Uigeadail  agus 
Airnigil,  bhithinn  cho  sona  ri  righ."  "  Gheibh 
thu  sin,"  arsa  am  Brus,  "  de  dh'  fhearann 
na  stocas  ceud  ceann  cruidh,  ceud  ceann 
caora,  agus  ceud  ceann  goibhre."  Tha  crois 
'na  seasamh  far  an  do  dhealaich  iad  air 
sliabh  monaidh  ris  an  abrar  "  Crois  Mhic 
Aoidh." 

'Nuair  a  bha  e  'na  righ  air  Albainn  chuir 
e  fios  air  Fearchar  agus  thug  e  dha,  mar  a 
gheall  e,  oighreachd  Uigeadail  agus  Airnigil 
agus  broidse  briagha.  Bha  am  broidse  so 
'na  bhall-sinnsearachd  ann  an  teaghlach 
Uigeadail  o  linn  gu  linn.  Thainig  an  la  tha 
anns  nach  robh  aig  Fear  Uigeadail  de  theagh- 
lach  ach  an  aon  nighean  agus  phos  ise 
Torcull  MacNeill  'san  Losaid,  agus  fhuair 
i  mar  thochradh  an  oighreachd  is  broidse  a' 
Bhruis.  Riamh  o'n  uair  sin,  tha  am  broidse 
air  a  shealbhachadh  le  teaghlach  na  Losaid, 
agus  air  a  chumail  gu  curamach  's  an  tigh 
mhor  aca  gus  an  la  'n  diugh. 

Rinn  mi  iomradh  cheana  uair  no  dha  air 
Eilean  Amhuinn.  Chan  'eil  seoladair  a  tha 
f^gail  Chluaidh  do  nach  aithne  an  t-eilean 
beag  so.  Tha  tigh-soluis  air  an  taobh-a- 
deas  dheth,  agus  acarsaid  mhath  air  an 
taobh-a-tuath.  'S  iomadh  bata  fhuair 
fasgadh  'na  achlais  an  am  droch-shide  mu'n 
togadh  iad  gu  Sruth  na  Maoile.  Tha  leac 
ann  an  cladh  Eilean  Amhuinn,  agus  tha  e 
air  aithris  na'm  biodh  sgioba  bata  ann  an 
cunnart,  na'n  rachadh  duine  a  dh'  ionnsuidh 
na  lice  so  agus  a  ghlun  a  Itibadh  is  uisge 
glan  a  dhortadh  oirre  agus  na  facail  so  a 
labhairt  tri  uairean  : 

"  Thusa  tha  'nad  shineadh  fo'n  lie  so, 
dean  trocair  agus  cobhair  air  na  feadhainn 
tha    'nan    eigin" — ^tha    e    air    aithris    gu'm 


biodh  iad  air  an  sabhaladh.  Aig  an  Agh 
tha  brath  c6  tha  fo'n  lie ! 

An  sgireachd  Cill  Sheathain  tha  cnoc  air 
an  abair  iad  Dun  Dhomhnuill  agus  faisg 
air  an  Dun  tha  uamh  ris  an  abrar  "  Cos  an 
Fhamhair  Mhoir."  Bha  sud  uair  agus  bha 
famhair  m6r  an  Cinn-tire  agus  famhair  mor 
an  He.  'Nuair  a  bhiodh  iad  am  mach  air 
na  monaidhean  a'  sealgaireachd,  a'  spaid- 
searachd  air  ais  's  air  adhart,  b'  abhaist 
dhoibh  a  bhi  glaodhaich  "  Fiiidse  "  ri  cach-a- 
cheile.  Latha  de  na  IMthean,  chunnaic 
famhair  Chinn-tire  famhair  He  a'  tighinn. 
Ghe^rr  e  sinteag  a  He  gu  Eilean  Ghiodha, 
agus  sinteag  eile  a  Eilean  Ghiodha  gu 
Rudha-na-h-Aoirinn'.  Chaidh  am  famhair 
a  stigh  d'  a  chos  agus  dh'  innis  e  d'  a  mhnaoi 
gu'n  robh  Famhair  Mor  He  a'  tighinn.  "  Gu 
de  ni  sinn  ?  "  ars  esan,  's  e  air  chrith. 
"  Leig  thusa  leamsa,"  ars'  a  bhean  ;  "  laigh 
thusa  sios  ann  an  so  agus  leig  ort  gu'm  bheil 
thu  'n  ad  shuain  chadail."  Thainig  Famhair 
He  agus  dh'  fheoraich  e  an  robh  Famhair 
Chinn-tire  aig  an  tigh.  "  Chan  'eil,"  ars  a 
bhean,  '■  tha  e  a'  sealgaireachd  's  a'  mhonadh, 
ach  thig  e  dhachaidh  leis  an  fheasgar." 
Sheall  an  t-Heach  Mor  mu'n  cuairt  dha  agus 
thuirt  e  :  "Co  tha  'na  shineadh  an  so  ?  " 
An  sin  fhreagair  a'  bhean  :  "  An  leanabh  as 
oige  a  tha  againn."  Thuirt  Famhair  He  ris 
fhein  "  Ma's  e  so  an  leanabh  as  oige  a  tha 
aca  gu  de  an  seorsa  duine  a  dh'  fheumas  a 
bhi  'na  athair,"  agus  thill  e  dhachaidh  mar 
a  thainig  e.  Nach  bu  teoma  bean  an  Fhamh- 
air, agus  coltach  ri  iomadh  fear  eile  bha 
feum  aige -san  oirre. 

Dh'  innis  mi  an  naidheachd  so  do  dhuine 
m'an  do  thoisich  an  cogadh.  "  'S  truagh," 
ars  esan,  agus  snodha  beag  gaire  air  aodann, 
"  nach  robh  famhairean  mora  laidir  mar  sin 
ann  an  diugh  feuch  an  cuireadh  iad  an 
t-eagal  air  Hitler  agus  air  Mussolini." 

Sin  agaibh  cuid  de  na  naidheachdan  a  b' 
abhaist  a  bhi  air  an  innseadh  bho  shean 
timchioll  nan  cagailtean  ann  an  glinn  agus 
an  srathan  Chinntire  air  oidhchean  fada  a' 
gheamhraidh,  agus  aig  gach  cruinneachadh 
eile  bhiodh  aca — -air  a'  pholl-mhona,  aig 
na  faing,  an  am  Iomadh  nan  caorach,  agus 
anns  na  tighean-smearaidh. 

Na  'n  do  rugadh  Iain  MacCodrum  ann  an 
Cinn-tire  dh'  fhaodadh  e  radh.mar  a  thubhairt 
e  mu  Uidhist-a-Tuath  : 

"  An  tir  choirceach,  eornach,  phailt ; 
An  tir  bhuadhach,  cUluanach,  ghartach  ; 
An  tir  chruachach,  sguabach,  ghaisneach ; 
Dluth  ri  cuan,  gun  fhuachd  ri  sneachda." 


Eilean  Fhionain 

Alasdair  Camshron,  Bun-allt-eachainn,  Airdghobhar. 


BHA  mi  aig  tiodhlacadh  sean  bhoirionnach 
a  Aird-na-murchan  's  an  eilean  so  air  an 
earrach  so. 

Chan  'eil  moran  a  taobh  Earra-gh^idheal 
de  Loch  SeUe  'g  an  tiodhlacadh  ann  a  nis. 
Tha  mi  direach  a'  creidsinn  gur  e  seorsa 
a'bhoirionnaich  ud  fhein  an  dream  mu 
dheireadh  de  na  Murchanaich  a  bhios  ag 
gabhail  coir  air. 

Chan  'eil  fios  cinnteach  c'uin  a  thoisich 
iad  air  daoine  adhlac  ann.  Tha  mi  fein 
de'n  bheachd  gu  bheil  mu  thimchioU  air 
mile  bliadhna  ann. 

'S  ann  air  a  h-aon  de  na  naoimh  Cheilteach 
tha  e  air  ainmeachadh.  Bha  na  h-uibhir 
de  Fhionain  ann,  ach  tha  sgoilearan  mora 
agus  luchd-rannsachaidh  na  ceist  so  gu  math 
aonaichte  gur  e  Fionain  an  Luibhre  bho'n 
dh'fhuair  an  t-eilean  an  t-ainm.  Air  a 
thurus  a  Eirinn  do  Albainn  thainig  e  do 
Aird-na-murchann,  agus  bho  chnoc  faisg 
air  a'  Ghoirtean-fhearna  ris  an  abair  daoine 
Suidhe  Fhionain  chunnaic  e  a'  chiad  sealladh 
de'n  eilean,  agus  bha  an  sealladh  cho  tait- 
neach  's  gu'n  d'aontaich  e  comhnuidh  ann 
air  son  seal.  Co-dhiu  rinn  e  dad  de  chraobh- 
sgaoileadh  agus  brosnuchadh  an  t-soisgeul 
as  a  so,  chan  'eil  moran  cunntas  againn, 
ach  tha  e  air  a  radh  gur  ann  an  Cill- 
fhionain  aig  lonar-gharadh  a  chaidh  a 
thiodhlacadh  ;  ach  ged  tha  sin  mar  sin  cha 
robh  an  t-^it-adhlacaidh  aige  riamh  cho 
iomraiteach  am  beul-aithris  dhaoine  ris 
an  eilean. 

Chan  'eil  e  cho  Ian  de  chlachan  agus  de 
leacan-laighe  ri  iomadh  cladh,  agus  chan 
'eil  e  soirbh  an  aois  aig  cuid  dhiubh  a  dhean- 
amh  a  mach,  oir  ged  tha  clachan  ann  air 
an  gearradh  a  mach  mar  chrois  air  taobh 
Mhuideart  de'n  eilean  a  shaoileas  neach  air 
a'  bheil  neul  na  h-aoise  chan  'eil  iad  idir  cho 
sean,  oir  's  e  fear  ris  an  abradh  iad  Domhnall 
Mor  Mac  Bharish  a  bha  fuireach  ann  am 
Mingairidh,  ciad  bliadhna  air  ais  a  rinn  iad. 

Ach  ged  nach  'eil  an  cladh  so  beartach 
ann  an  sean  lea  can  maiseach  tha  aon  rud 
ann  a  tha  aosda  agus  luachmhor  a  thaobh 
na  sean  aimsir,  's  e  sin  h-aon  de  na  Cluig 
Cheilteach.  Tha  e  an  sud  'n  a  shuidhe 
air  an  altair  ann  am  balla  an  t-sean  chaibeil 
a  tha  air  an  eilean  mar  bha  e  o  thtis.  Tha 
da  sheorsa  de  na  clagan  Ceilteach  ann, 
iarunn  agus  umha.     'S  ann  de'n  stuth  mu 


dheireadh  a  tha  am  fear  so.  Chan  'eil 
iomradh  agamsa  ach  air  tri  ann  an  Albainn, 
fear  "  Thom-Eunan  "  am  Baideanach,  fear 
Fhaolain  an  Gleann  dochairt,  agus  fear 
Eilean  Fhionain. 

Chan  'eil  litreachas  air  gin  dhiubh  ag 
innseadh  an  aois  aca,  ach  tha  cunntas 
againn  gu'n  robh  iad  an  Eirinn  corr  is  mile 
bliadhna  air  ais.  Bha  e  'n  a  chleachdadh, 
ciod  an  t-aobhar  cha  d'fhuair  mi  mach,  gu'n 
robh  aig  torradh,  an  clag  air  a  ghiulan  air 
thoiseach  air  a  ghiulan  deiseal  mu  thimchioll 
an  eUein. 

Ged  's  e  sgir  Eilean  Fhionain  a  theirte 
ris  a'  mhor  chuid  de  sgir  Aird-na-murchan 
's  na  sean  laithean  cha  chuala  mi  aon  ghin 
de  mhuinntearan  Eaglais  na  h-Alba  a  bhi 
air  an  adhlacadh  ann.  Tha  e  coltach  gur 
ann  a  chaidh  am  ministear  ainmeil  sin  a 
bha  an  Ard-na-murchan  Maighstir  Alasdair. 
'S  e  Uidhisteach  a  bh'ann  de  theaghlach 
Mac  mhic  Ailean,  agus  mar  sin  bha  full 
uaislean  'n  a  phoraibh.  Tha  dealbh  an 
Aoig  air  a  ghearradh  air  an  leac  tha  iad  a 
radh  a  bha  comhdach  na  h-uaighe  aige. 
Bha  e  laidir  gu  corporra  agus  cumhachdach 
gu  nadurra. 

Tha  e  air  a  radh  gu'm  biodh  e  a'  coiseachd 
h-uile  Sabaid  bho  Dhaililea  ann  am  Mtiideart 
far  an  robh  e  a'  fuireach  gu  ruige  eaglais 
ChUl-Chomghain,  agus  an  deidh  na  seirbhis 
a'  coiseachd  air  ais.  Cia  meud  ministear 
a  dh'fheuchadh  ri  dheanamh  an  diugh  ? 

Tha  e  duilich  leam  ri  aithris  gu  bheil 
beagan  de  choltas  dol  a  dholaidh  air  a' 
chladh  so.  Tha  e  car  mar  dhilleachdan 
gun  duine  gun  daoine,  oir  chan  'eil  Inbhir- 
nis  no  Earra-Ghaidheal  a  reir  forbhais 
domhsa  a'  gabhail  coir  air.  Their  cuid 
gu  bheil  e  fathast  car  an  ceangal  ri  eaglais 
na  sgire. 

Bu  choir  lamh  a  thoirt  air,  oir  a  mach 
bho  Reilig  Oran  an  I,  agus  theagamh  Eilean 
Mhunna  an  Loch  Liomhan  chan  'eil  gin 
cho  iomraiteach  na  cho  aosda  ris  an  Albainn. 

Tha  iad  an  so  'n  an  cadal-suain  bho'n 
fhoid  a  Suaineart,  Ard-na-murchan,  Muid- 
eart,  Aird  ghobhar,  agus  a'  Mharairne.  Chan 
'eU  frith-rathad  a  shiiibhlas  neach  air  gach 
taobh  Loch  Seile  nach  tachair  ctiirn  air, 
cuimhneachain  air  buaidh  a'  bhais  air  an 
duine  gu  corporra,  agus  comharradh  gun 
deachaidh  moran  a  thoirt  gus  an  leabadh 
bhuan  do  Eilean  Fhionain. 


Aireamh  9 


1947 


Criosd  ar  Slanuighear 

Giod  a  ghne  dhuine  so  ? — Mafa  v.  23-27 


UAIR  a  bha  mi  anns  an  eaglais  Shaoir, 
an  Tairbeart  na  Hearadh,  bha  an  duine 
grinn  agus  an  duine  smachdail,  Iain  Mac 
Ghill-eathain  nach  maireann,  a'  searmonach- 
adh  air  ceann-teagaisg  a  te  de  litrichean 
Phoil,  agus  thuirt  e  aig  deireadh  an  t- 
searmoin  (agus  cha  b'e  sin  an  searmon 
goirid),  "  Leanaidh  mi  air  a'  cheann-teagaisg 
so  Sabaid  no  dha  eile  ;  chan  abair  mise  mar 
thuirt  ministear  Moderate  ann  an  Uidhist, 
agus  e  a'  sgur,  "  Thug  mi  as  a  sud  na 
bh'ann." 

Theagamh  gu'm  b'fhe^rr  le  cuid  de'n 
choimhthional  gu'n  gabhadh  e  ceann- 
teagaisg  hv  an  ath  Shabaid,  clann  Fhelics 
a  tha  furasd  an  sgitheachadh  le  searmoin 
fhada,  ach  tha  mi  cinnteach  gu  robh  moran 
eile  anns  an  eaglais  a  dh'eisdeadh  ri  Mghr 
Mac  Ghill-eathain  le  aire  agus  buannachd 
dhaibh  fhein  ged  leanadh  e  air  an  aon  cheann- 
teagaisg  fad  mios. 

Thainig  am  facal  ud  a  chuala  mi  ann  an 
eaglais  an  Tairbeart  air  ais  gu  m'inntinn 
an  raoir,  agus  mi  a'  leughadh  na  naidheachd 
a  tha  an  soisgeulaiche  Mata  ag  innseadh 
mu'n  stoirm  a  rug  air  losa  agus  a  dheisciob- 
uU  air  an  loch,  naidheachd  a  tha  cho  Ian 
de  theagasg  's  nach  tugadh  Iain  Mac  Ghill- 
eathain  fhein  aisde  na  tha  innte  ged  bhiodh 
e  a'  meomhrachadh  oirre  fad  bhadhna.  Tha 
Dia  innte,  agus  Criosd,  agus  an  Eaglais, 
agus  cumhachd  Dhe,  agus  gach  ni  a  bhuineas 
do  shlainte,  ged  dh'fhaodas  iad  a  bhi  air 
am  folach  o  dhaoine  nach  'eil  a'  faicinn  le'n 
siiilean,  no  a'  cluinntinn  le'n  cluasan,  no 
a'  tuigsinn  le'n  cridhe. 

Far  a  bheil  Criosd  an  sin  tha  an  Eaglais, 
Aire  na  Slainte  a  tha  a'  cothachadh  anns 
gach  linn  ri  doinionn  is  fairge  cho  baithteach 
's  gu'm  bi  eagal  air  daoine  gu'n  teid  i  fodha. 
Ach  cha  teid  i  fodha  gu  brath  a  chionn  gu 
bheil  Criosd  air  bord.  Faodar  a  radh  mu 
Long  an  t-Soisgeil  mar  thuirt  an  Salmadair 
mu  Chathair  Dhe, 

Tha  Dia  'na  meadhon  innte  stigh. 
Mar  sin  cha  ghluaisear  i ; 

Oir  cuideachadh  is  comhnadh  leath' 
'S  e  Dia  gu  moch  a  ni. 


Mur  biodh  Criosd  anns  an  Eaglais  cha 
mhaireadh  i  beo  anns  an  t-saoghal  aon  linn. 
Chan  e  na  tha  sinne  a'  deanamh  a  tha  'g 
a  cumail  beo  ach  na  tha  esan  a'  deanamh. 

Mar  thubhairt  mi  cheana  tha  an  naidh- 
eachd so  Ian  de'n  t-soisgeul ;  tha  m6ran 
teagaisg  innte  a  thaobh  na  beatha  dhiadh- 
aidh  ;  an  fhois  inntinn  a  tha  aca-san  aig 
a  bheil  earbsa  ann. an  Dia  ;  daoine  a'  tois- 
eachadh  air  iirnuigh  an  uair  a  chi  iad  an 
cunnart ;  tighdarras  agus  ard-cheannas 
Chriosd  thairis  air  cumhachdan  N^duir ; 
esan  am  Maighstir  agus  iadsan  na  seirbh- 
isich  ;  oibrichean  Chriosd  a'  togail  na 
ceiste  daonnan,  "  Co  a  tha  sibh  ag  radh  is 
mi  ?  " — ^sin  agus  iomadh  spUgean  eile  de 
shiol  na  rioghachd  tha  an  naidheachd  so 
a'  cur  'n  ad  inntinn  mar  a  bhios  fear-cuir 
maith  a'  cur  sil,  ach  tha  mi  an  duil  gur  e  an 
teagasg  as  feumaUe  a  tha  innte  dhuinn  uile, 
nach  'eil  aobhar  eagail  againn  ma  tha 
Criosd  dliith  dhuinn,  cho  dluth  's  gu'n  eirich 
ar  n-tirnuighean  chuige  gach  la  agus  anns 
gach  suidheachadh,  co  dhiubh  a  tha  ann 
feath  no  doinionn.  Criosd  a  bhi  againn  agus 
maille  ruinn,  siti  ar  slainte  agUs  ar  sonas. 

An  t-iongantach 

Ciod  a  ghne  dhuine  so  ?  Sin  ceist  a  bha 
ann  an  inntinn  nan  deisciobul  daonnan  o'n 
cheud  1^  a  b'aithne  dhaibh  e,  ceist  d'an 
d'fhuair  iad  freagairt  uidh  ar  n-uidh  'n 
am  fiosrachadh  fhein,  agus  d'a  bheil  freagairt 
anns  an  naidheachd  so  cuideachd,  oir  tha 
daonnachd  agus  diadhachd  Chriosd  a'  coinn- 
eachadh  innte.  Cha  b'ann  a  nochdadh  gu 
robh  earbsa  aige  ann  an  Dia  a  chaidU  e, 
ach  a  chionn  gu  robh  e  sgith  ;  sgith  le  obarc 
a  sharaicheas  daoine  na's  luaithe  na  obair 
le'n  lamhan,  a  bhi  gabhail  air  fhein  uallaich- 
ean  agus  peacaidhean  a  bhraithrean,  agus  a 
leigheas  creuchdan  an  cuirp  agus  an  anama. 
A  chionn  gu'm  bu  duine  e  coltach  ruinn 
fhein,  fann  agus  sgith  le  obair  an  1^,  chaidil 
e,  agus  thainig  an  cadal  chuige  na  bu  luaithe 
agus  na  bu  mhilse  a  chionn  gu'n  do  riim  e 
obair  an  la  le  uile  chridhe  agus  uile  neart, 
agus  gu  robh  earbsa  aige  ann  an  Dia. 

Ach  tha  tuilleadh  is  sin  anns  an  naidh- 
eachd, agus  tuilleadh  is  sin  anns  a'  bhuaidh 


Aims  A'  CHATHAIR 


a  bha  aig  Criosd  air  na  deisciobuil  an  laair 
a  ghabh  iad  an  t-eagal,  agus  a  ghlaodh  iad 
ris,  "  Teasairg  sinn,  tha  sinn  caillte."  Co 
dhiubh  is  e  a'  ghaoth  agus  an  fhairge  a 
chronaich  e,  no  na  deisciobuil  fhein  agus  an 
t-Eagal,  cha  luaithe  a  labhair  e  na  bha 
ciiiine  mhor  ann.  'S  e  Eagal  aon  de  na 
naimhdean  as  miosa  aig  clann-daoine,  agus 
aon  de  na  nithean  a  bu  trice  a  chronuich 
Criosd.  Cho  luath  's  a  labhair  e  bha  ciiiine 
mhor  ann.  Sin  a'  bhuaidh  a  bha  aig  Criosd 
air  na  deisciobuil,  agus  a  tha  aige  air  daoine 
an  diugh  fhathast,  an  uair  a  tha  esan  maille 
riu  agus  a  chluinneas  iad  a  ghuth,  is  leor  sin ; 
tha  teine  beo  a'  chreidirah  air  a  lasadh  'n 
an  cridhe,  agus  feuch,  ciiiine  far  an  robh  eagal. 
B'  abhai'st  d'ar.  n-aithrichean  a  bhi  a' 
deanamh  moran  bruidhne  mu  "  innleachd 
na  slainte  "  mar  gu'm  bu  riin-diomhair  e  a 
dh'fheumadh  a  bhi  air  a  thuigsinn  agus  air 
a  leantuinn  ceum  air  cheum  m'am  b'urrainn 


duine  a  bhi  cmnteach  gu  robh  e  air  a  shaor- 
adh.  Ach  chan  'ail  innleachd  no  ainm  eile 
ann  a  shaoras  an  t-anam  ach  Criosd  a  mhain, 
chan  e  Criosd  anns  an  oifig  ud  no  anns  an 
oifig  ud  eile,  'n  a  dhaonnachd  no  'n  a  dhiadh- 
achd,  'n  a  theagasg  no  'n  a  eisiomplair  no 
'n  a  bhas,  ach  Criosd  an  iomlanachd  a 
bhuadhan  agus  a  mhaise  mar  bha  e  agus 
mar  bhitheas  e  gu  siorruidh.  Sin  an  Slanuigh- 
ear  a  tha  cunihachdach  gu  tearnadh,  Criosd 
'n  a  uile  bhuadhan  mar  tha  e  ri  fhaicinn 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh,  'n  a  theagasg, 
'n  a  naomhachd,  'n  a  ughdarras,  'n  a  mhi- 
orbhuilteachd,  an  Dia -duine  a  tha  cho  fada 
OS  cionn  ar  n-eolais  agus  ar  tuigse  's  gu'm 
bi  am  facal  so  gu  brath  air  ar  bilean,  Ciod  a 
ghne  dhuine  so.  ? 

Criosd  a  bhi  maille  ruinn  gach  la,  'n  ar 
smuaintean  agus  'n  ar  coguis,  'n  ar  gaol 
agus  'n  ar  n-ionndrainn,  sin  ar  slainte,  ar 
dion,   agus  ar  sonas. 


Anns  a'  Chathair 


FAD  da  no  tri  bhliadhnachan  bha  mi  'n 
am  aon  de  Chomunn  beag  anns  an  eaglais 
a  bha  ag  uUachadh  an  Leabhar  Urnuigh 
(am  Beurla)  a  tha  a  nis  air  uisneachadh  cho 
farsuing.  Ged  nach  robh  mi  riamh  gaolach 
air  Leabhar-  Urnuigh,  no  air  urnuighean  a 
bhi  air  an  leughadh,  tha  fhios  agam  gu  bheil 
e  ceart  agus  feumail  gu'm  biodh  cuideachadh 
air  a  thoirt  do  mhinistearan  oga  a  thaobh 
forrm  agus  cainnt  nan  urnuighean  a  tha 
freagarrach  ann  an  aoradh  follaiseach  na 
h-eaglais  an  uair  a  bhios  iad  a' cur  iarrtusan 
a'  choimhthionail  an  lathair  an  Tighearna. 
Naomh,  naomh,  naomh,  tha  an  Tighearna 
Dia  Uile-chumhachdach ;  agus  is  naomh 
a  bu  choir  dhaibhsan  a  bhith  a  thigeadh 
'n  a  lathair  ;  is  mor  an  Tighearna  agus  is 
ro  airidh  e  air  cliii. 

Tha  miighadh  mor  eadar  iirnuigh  dhiomh- 
air  agus  urnuigh  fhollaiseach,  eadar  urnuigh 
an  t-seomair  agus  iirnuigh  na  h-eaglais. 
Ann  an  aoradh  na  h-eaglais  tha  e  iomchuidh 
gu'm  biodh  ar  briathran  soluitnte  agus 
ordail  agus  freagarrach  agus  maiseach,  ach 
chan  'eil  moran  mhinistearan  as  urrainn 
briathran  freagarrach  agus  maiseach  fhao- 
tainn  as  an  seasamh,  gun  dad  tuathall  'n 
an  cainnt.  Mar  sin  tha  e  'n  a  chuideachadh 
dhaibh  fein  agus  'n  a  bhuannachd  do'n  t- 
sluagh  gu'm  biodh  eisiomplair  aca  ann  an 
leabhar  air  an  doigh  anns  an  robh  an  Eaglais 
Choitchionn  troimh  na  linntean  a'  cur  a 
h-aoraidh  agus  a  h-iirnuighean  an  lathair  an 
Tighearna.  Ged  nach  'eil  briathran  tuathall 
freagarrach  no  boidheach  aig  am  air  bith, 


no  ann  an  aite  air  bith,  cha  bu  rud  toibh- 
eumach  no  narach  e  gu'n  abradh  duine 
as  a  sheasamh  (agus  theagamh  a  ghluinean 
air  chrith)  ni-eigin  tuathall  no  gun  ttir  ann 
an  searmon  no  ann  an  seanchas  r'a  cho- 
chreutairean,  ach  is  rud  eile  e  gu'm  biodh 
cainnt  thuathall  no  amhlaireachd  air  bith 
air  an  ceadachadh  ann  an  iirnuigh  ri  Dia. 
Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  cuimhne  aig  an 
luchd-leughaidh  air  iomadh  rud  neonach 
agus  tuathall  a  chual  iad  ann  an  iirnuigh 
anns  an  eaglais,  mar  tha  agamsa  mi-fhein, 
ach  cha  bu  mhaith  leam  tighinn  thairis  orra 
air  an  duilleig  so. 

Ach  CO  dhiubh  a  tha  iad  'g  an  aithris 
no  'g  an  leughadh  bhiodh  a  buannachdaU 
do'n  eaglais  na'n  robh  ministearan  ag 
uisneachadh  nan  aon  iirnuighean  daonnan 
ann  an  seirbhisean  sonruichte,  Baisteadh, 
Posadh,  Comanachadh,  Tiodhlacadh  nam 
marbh,  far  a  bheil  teagasg  a'  Chreidimh 
Chriosduidh  air  a  chur  sios  cho  soilleir  agus 
cho  laidir  's  nach  urrainn  an  luchd-eisdeachd 
gun  fhios  a  bhi  aca  air.  Anns  na  seirbhisean 
sin  chan  e  beachdan  aon  duine  a  tha  dhith 
oirnn  ach  Creideamh  na  h-Eaglais  Choit- 
chinn. 

A'  bheatha  mhaireannach 

Is  e  a  thug  orm  tarruing  a  thoirt  air  a' 
chuspair  so,  gu  robh  mi  aig  da  thiodhlacadh 
anns  nach  robh  iomradh  idir  air  a  dheanamh 
air  dochas  na  baatha  maireannaich.  A 
ma  eh  bhuaith  sin  cha  robh  dad  tuathall 
no  neo-loinneil  anns  na  h-iirnuighean  a  bha 
air  an  cur  suas,  oir  b'aithne  do'n  fheadhainn 


AIG  AN  UINNEIG 


a  ohuir  suas  iad  briathran  fceagarrach  agus 
grinn  a  tliaghaclh.  Ach  nach  be  sin  fhein 
clach-nihullaich  na  li-anihlaireachd,  nach 
robli  an  dochas  a  tha  an  Creideamh  Crios- 
duidh  a'  toirt  dliuinn  uiread  agus  air 
aimneachadh  aig  bruach  na  h-uaighe!  Bha 
buidheachas  air  a  thoirt  do  Dhia  air  son 
maise  an  t-saoghail,  an  gaol  a  tha  uig  daoine 
air  a  eheile,  an  solas  a  tha  iad  a'  faotainn 
o'n  obair  agus  o  chompanas  am  braithrean, 
agus  air  son  beannachdan  eile  a  tha  a' 
deanamh  ar  beatha  air  thalamh  aoibhneach  ; 
bha  luchd-a-bhroin  air  feadh  an  t-saoghail 
uile  air  an  cuinihneachadh  gu  caomhail 
agus  gu  faireachdail  ann  an  athchuingean 
durachdach  a  bha  air  an  cur  suas  air  an  son, 
ach  cha  robh  aon  lide  air  a  radh  mu  shaoghal 
eile  no  mu  dhochas  na  beatha  maireannaich. 

Cha  b'urrainn  so  tachairt  na'n  robh  na 
h-aon  earrannan  de'n  Bhiobull  agus  na  h- 
aon  urnuighean  air  an  uisneachadh  daonnan 
aig  an  uaigh,  agus  na  briathran  so  annta, 
mar  tha  e  cheana  'n  a  chleachdadh  aig  a' 
mhor-chuid  de  mhinistearan — "  Tha  sinn 
a'  tiomnadh  corp  basmhor  ar  brathar  do'n 
uaigh,  agus  a'  tiomnadh  anama  dhuitse, 
ar  Dia  agus  ar  n-athair,  a7in  an  dochas 
cinnteach  na  beatha  maireannaich,  tre  losa 
Criosd  ar  Tighearna." 

An  diugh  tha  dochas  na  beatha  mair- 
eannaich a'  fas  fann  arms  an  t-saoghal, 
agus  mur  ciim  an  eaglais  an  creideamh 
agus  an  dochas  so  ann  an  cluasan  agus  ann 
an  cridheachan  dhaoine  c6  eile  a  ni  e  ? 
Their  daoine  riut  gu  bheil  gach  gineal  de 
chloinn-daoine  mar  dhuilleach  nan  craobh, 
a'  tuiteam  gu  lar  anns  an  fhoghar  agus  a' 
basachadh,  ach  a'  fantuinn  beo  anns  t- 
seagh  gu  bheil  na  duilleagan  a  chaidh  air 
ais  do'n  talamh  a  reamhrachadh  an  talaimh  air 
chor  agus  gu'n  tig  duilleach  ilr  air  a'  chraoibh 
anns  an  earrach.  '  Tha  sin  uile  fior,  agus  'na 
dheagh  shamhladh  air  taobh  shonruichte 
de  bheatha  dhaoine  air  thalamh,  ach  chaji 
e  sin  an  Creideamh  Criosduidh,  agus  mur 
bheil  air  a  theagasg  ach  sin,  ciod  a  tha  agad 
nach  robh  aig  Homer  ? 

Aile  an  fhearainn 

Tha  fuaim  na  siorruidheachd  daonnan  'n 
ar  cluasan  anns  an  t-saoghal  so  mar  gu'm 


biodh  glaodh  na  fairge  air  a'  chladach,  a' 
cur  'n  ar  caiiinhiie  nach  6  so  ionad  ar  taimh. 
An  uair  a  bha  Pol  air  an  luing  a  thug  do 
Mhalta  e,  agus  iad  air  an  saruchadh  le 
doinionn  is  fairge  is  dorchadas,  gun  fhios 
aca  c'aite  an  robh  iad,  tha  sinn  a'  leughadh 
gu'n  d'fhairich  na  mairichean  gu  robh  iad  a' 
tarruing  dluth  do  fhearann  air  choreigin.  Cha 
robh  iad  a'  faicinn  an  fhearamn,  agus  cha 
b'urrainn  iad  a  dhearbhadh  do  dhaoine 
eile  gu  robh  e  idir  arm,  ach  bha  iad  a' 
faotainn  aileadh  an  fhearainn,  agus  bha 
iad  cinnteach  gu  robh  iad  a'  tarruing  dltith 
dha.  Bha  sinn  fhein  uair  is  uair  eile  anns 
a'  cheart  shuidheachadh  anns  an  robh  na 
seoladairean,  cinnteach  gu  robh  rud-eigin  a' 
dol  a  thachairt  ged  nach  b'urrainn  dhuinn 
a  dhearbhadh,  roimh-fhaireachadh  air  rud 
nach  fhaca  no  nach   cuala  sinn. 

Tha  creideamh  ann  an  cridhe  duine  car 
coltach  ri  aileadh  an  fhearainn ;  tha  ah 
creidmheach  cinnteach  gu  bheil  e  a'  tarruing 
dliith  do'n  diithaich  a  tha  e  a'  sireadh,  ged 
nach  'eil  i  'n  a  shealladh  fhathast,  "  Is  e 
creideamh  brigh  nan  nithean  ri'm  bheil 
dochas,  dearbh-chinnt  nan  nithean  nach 
faicear." 


An  uair  a  ruigeas  duine  tri  fichead  's  a 
deich  bu  choir  gu'm  biodh  glaodh  a'  chladaich 
agus  aileadh  an  fhearainn  a'  fas  gu  maith 
laidir  'n  a  chluais  agus  'n  a  phoraibh  uile,  a' 
toirt  air  a  radh  ris  fhein  mar  thuirt  Socrates 
ri  chairdean,  "  Tha  mi  a'  dol  a  dh'aite  eile, 
agus  bu  choir  dhomh  a  bhi  smuaineachadh 
agus  a'  bruidhinn  mu'n  turns  air  a  bheil  mi 
a'  dol."  Tha  e  na's  fhasa  dhuinn  comh- 
arraidhean  na  h-aoise  fhaicinn  ann  an 
daoine  eile  na  annainn  fhein,  ach  tha  Dia 
'na  choibhneas  a'  toirt  dhuinn  iomadh 
cagar  'n  ar  feoil  fhein  gu  bheil  an  oidhche  a' 
teachd ;  ar  cuimhne  a'  f ailneachadh ,  ar 
meuran  a'  fas  cho  cliobach  's  gur  gann  a 
theid  againn  air  putain  na  leine  a  dhunadh  ; 
ar  ceum  a'  fas  na's  maille  agus  na's  truime  , 
sgleat  an  deidh  sgleat  a'  tuiteam  far  ceann 
an  tighe  thalmhaidh,  gus  mu  dheireadh  am 
bi  coimhearsnaich  ag  radh  umainn,  mar 
thuirt  sinn  fhein  mu  dhaoine  eile,  gu'n  cuir 
an  geamhradh  so  crioch  orra. 


Aig  an  Uinneig 


EADAR  sgoil  agus  Colaisde  riaraich  mi 
luchd-ceasnachaidh  ann  an  Algebra  iomadh 
uair,  ach  ma  riaraich,  b'e  an  t-aobhar  gu 
robh  iad  furasd  an  toileachadh,  oir  chan  e 
mhain  nach  robh  eolas  agam  air    Algebra 


a  b'fhiach  eolas  a  radh  ris,  ach  cha  robh 
fhios  agam,  agus  chan  'eil  gus  an  la'n  diugh, 
gu  de  am  feum  a  tha  ann  an  Algebra,  no 
ciamar  a  bhios  sgoilearan  ag  oibreachadh 
leis,  agus  a'  faotainn  a  mach  leis  diomhair- 


AIG  AN  UINNEIG 


eadidan  agus  eolas  mu  'n  chruthachadh  a 
tha  folaichte  air  daoine  do  nach  aithne 
Algebra. 

Tuigidh  tu  uaith  so,  a  leughadair,  gu 
bheil  mughadh  mor  eadar  eolas  agus  a 
choslas.  Cha  robh  barrachd  eolais  agam-sa 
air  Algebra  na  dli'fhaodadh  tu  a  chur  ann 
an  ceann  bigein-baintighearna,  agus  cha 
robh  anns  a'  chunntais  neonach  ud  dhomh 
ach  leumartaich  gun  chiall  a  bhiodh  litrichean 
na  h-Aibideil  a,  b,  c,  agus  x,  y,  z,  a'  deanamh 
air  paipear,  mar  gu'm  biodh  iad  a'  dannsadh 
ruidhle  Thulachain.  Ach  bha  deagh  chuimhne 
agam,  is  rachadh  agam  air  seatadb  an  ruidhle 
agus  leumartaich  a,  b,  c,  agus  x,  y,  z, 
ionnsaohadh  air  mo  theangaidh,  agus.  a 
dhealbh  a  tharruing  air  paipear,  agus  bhiodh 
an  appeasement  theoma  so  a'  toirt  air  luehd- 
ceasnachaidh  a  shaoilsinn  gu  robh  prabadh 
beag  air  choreigin  agam  a  dh'  eolas  air 
Algebra.  Ach  cha  robh  agus  chan  'eil  na's 
mo  na  tha  aig  Bodach  na  gealaich. 

Cuimhnich,  a  leughadair,  nach  ann  a' 
cur  sios  air  Algebra  a  tha  mi,  no  air  meur 
no  meanglan  eile  de  chraobh  an  Eolais,  oir 
is  e  Eolas  tobar  na  tuigse  agus  gach  bean- 
nachd  a  tha  a'  sruthadh  bhuaipe.  Agus 
anns  na  linntean  deireannach  so  chan  'eil 
seorsa  eile  as  feumaile  ann  a  bhi  meudachadh 
eolais  agus  a'  tuigsinn  obair-laimhe  Dhe  anns 
a'  chruthachadh  na  Algebra  agus  Mathe- 
matics. Chan  ann  le  gloineachan,  no  air 
dhoigh  eile  ach  le  Mathematics  a  mhain  a 
fhuaradh  a  mach  a'  phlanaid  Neptune  an 
1846  ;  c'aite  a  bheil  i  agus  ciod  a  coslas  ; 
dearbhadh  cinnteach  air  cumhachd  inntinn 
mhic  an  duine,  cumhachd  a  rainig  a  leithid 
a  dh'airde  's  gu  bheil  an  smuain  ag  eirigh 
ann  an  inntinn  dhaoine  eagallach,  gu'm  faod 
e  la  air  choreigin  an  saoghal  so  a  chur  'n 
a  smtir.  Ach  tha  Dia^  air  a  Righ-chathair, 
agus  ailm  na  Cruinne  'na  laimh. 

Neo-bhanail 

Tha  cuimhne  agam  air  na  laithean  anns 
nach  robh  e  air  a  shaoilsinn  banail  do 
bhoirionnach  a  bhi  ag  ionnsachadh  Mathe- 
matics, ach  an  diugh  tha  mi  an  dtiil  gu  bheil 
barrachd  dhiubh  aig  a  bheil  beagan  eolais 
air  Algebra  na  tha  aca  air  banachas-tighe. 
Tha  na  bealaich  anns  a'  gharradh-chriche 
eadar  fir  agus  boirionnaich  a'  fas  na's 
lionmhoire,  agus  chan  'eil  rud  eile  as  cinn- 
tiche  na  nach  bi  iad  air  an  togail  gu  brath. 
Chan  'eil  obair  no  dreuchd  nach  bi  ceadaichte 
dhaibh  an  gabhail  os  laimh,  agus  cha  bhi 
iad  fada  a'  dearbhadh  nach  'eil  dad  a  ni 
na  fir  nach  dean  iadsan  cho  maith  riu. 

0  chionn  tri  fichead  bliadhna  th^inig 
barrachd    atharrachaidh    air    beatha    agus 


obair  bhan  na  th^inig  air  rud  eile  anns  an 
dtithaich  so,  agus  is  ann  troimh  gheata  na 
h-  Algebra  a  rainig  iad  air  an'  oighreachd 
bhreagha  a  tha  aca.  Tuigidh  tu,  a  leugh- 
adair, nach  'eil  ann  an  Algebra  ach  facal, 
facal  leis  a  bheil  mi  a'  ciallachadh  gu'n 
d'fhuair  boirionnaich  an  saorsa  agus  cothrom 
air  am  buadhan  a  dhearbhadh  an  1^  a  bha 
dorsan  nan  Oilthighean  agus  saoghal  an 
Eolais  air  fhosgladh  dhaibh. 

B'e  Anna  lemima  Clough,  piuthar  a' 
bhaird  A.  H.  Clough,  aon  de  na  cinn-iiiil  a 
choisinn  do  bhoirionnaich  na  sochairean  a 
tha  aca  an  diugh  a  thaobh  ionnsachaidh. 
Bha  ceann  maith  oirre  agus  ceann  glic,  agus 
ged  bha  duilgheadsan  gu  leoir  aice  m'an 
d'fhuair  i  Colaisde  Newnham  a  chur  air  a 
chasan,  chunnaic  i  toradh  a  saothrach  m'an 
do  chaochail  i.  An  uair  a  bha  i  bliadhna 
ar  fhichead  sgriobh  i  'n  a  leabhar-la,  "  Chan 
'eil  urram  no  moladh  a  dhith  orm  ach  bu 
mhaith  leam  a  bhi  gu  feum  do  dhaoine  eile 
anns  an  t-saoghal.  Na'm  b'fhear  mi  chan 
ann  air  son  airgid  a  dh'oibrichinn  ach  air 
son  maith  mo  dhuthcha." 

An  1890  bha  Miss  Fawoett  4  Colaisde 
Newnham,  agus  gun  i  ach  da  bhliadhna 
ar  fhichead,  air  a  cur  air  thoiseach  ann  am 
Mathematics  air  uile  shar-sgoUearan  Cham- 
bridge,  rud  a  shaoileadh  ar  seanairean  neo-. 
nMurra. 

An  uair  a  bha  Mrs.  Somerville,  boirionnach 
foghluimte  a  rainig  aois  mhor,  'n  a  caileig 
anns  an  sgoil  am  Musselburgh,  cha  robh 
Mathematics  air  a  theagasg  dhaibh  ach 
dh'fheumadh  iad  taobh-duilleig  de  Fhoclair 
an  Ollaimh  Mhic  Iain  ionnsachadh  air  an 
teangaidh  a  h-uUe  latha.  Bha  i  gaolach 
air  leughadh,  agus  dh'ionnsaich  i  Laideann 
leatha  fhein,  ach  cha  robh  a  daimhich 
buidheach  dhi.  Uair  a  chunnaic  i  ann  am 
paipear  dealbh  agus  litrichean  mu  'n  cuairt 
air,  a,  b,  c,  x,  y,  z,.  chuir  e  ionghnadh  oirre 
gu  de  bh'ann.  Dh'fhaighnich  i  de  the  eile 
an  robh  fhios  aice-se  1  "  Chan  'eil,"  ars 
an  te  sin,  "mur  e  Algebra  a  th'ann  !  "  "Agus 
gu  de  a  tha  ann  an  Algebra  ?  "  "  Tha  mi 
'n  dtiil  gur  e  seorsa  de  chunntas  a  th'ann, 
ach  ma  tha  thu  air  son  tuilleadh  fiosrachaidh 
fhaotainn  feumaidh  tu  cuideigin  eile  a  cheas- 
nachadh  oir  chan  aithne  dhomhsa  dad  m'a 
thimchioU." 

Goirid  'n  a  dheidh  sin  chuala  i  fear  de  na 
maighstirean-sgoile  a'  bruidhinn  air  EucHd 
agus  Geometry,  ach  ged  bha  i  air  son  sealladh 
fhaotainn  air  Euclid  bha  fhios  aice  gu'm 
biodh  e  air  a  shaoilsinn  dalma  dhi  dol  a 
stigh  do  bhiith  a  dh'iarraidh  an  leabhair  sin. 
Mar  sin  b'fheudar  dhi  feitheamh  gus  an 
d'fhuair  i  e  air  dhoigh  eile.     Gu  fortunach 


COLLACH  FOGHLUIMTE 


faodaidh  boirionnaich  an  diugh  leabh- 
raichean  as  toibheumaiche  na  Euclid  a 
cheannach  gun  an  cliu  no  an  n^ire  a  chall, 
leabhraichean  mu'n  Atom  ma  thogras  iad. 
Is  maith  gu'm  faod,  agus  gu  bheil  cothrom 
aea  a  nis  air  na  h-uile  bhuadhan  a  thug  Dia 
dhaibh  a  chur  an  cleachdadh. 

An  uair  a  phos  i  sgriobh  a  piuthar-cheile 
chuice,  "  Tha  mi  an  docha's  gu  'n  leig  thu 
seachad  a  nis  do  dhoighean  amaideach  agus 
do  leabhraichean,  agus  gu'm  bi  thu  'n  ad 
mhnaoi  sgoinneil  agus  respectable  do  m' 
bhrathair."  Ach  cha  ruigeadh  a  piuthar- 
cheile  a  leas  eagal  a  bhi  oirre  nach  d'fhuair 
a  brathair  bean  mhaith  ;  bha  i  cho  maith 
air  cocaireachd  is  fuaigheal  is  figheadh  's 
a  bha  i  air  eanainean  is  Algebra,  agus  an  uair 
a  rainig  i  ceithir  fichead  's  a  dha  dheug, 
aois  aig  nach  bi  a'  mhor-chuid  a  ruigeas  i 
comasach  air  dad  eile  a  dheanamh  ach  a  bhi 
boilich  m'an  aois,  agus  ag  innseadh  d'an 
oghachan  gu  bheil  an  saoghal  a'  fas  na's 
miosa  agus  na's  miosa  o  bha  iadsan  6g, 
bhiodh  i  ag  obair  air  Mathematics  ceithir 
no  coig  a  dh'  uairean  a  h-uile  latka,  agus  a' 
leughadh  mu  na  nithean  ura  a  bha  speurad- 
airean  agus  scientists  a'  faotainn  a  mach. 

Bha  urram  mor  air  a  thoirt  dhi  le  ard- 
sgoilearan  agus  Comuinn  Fhoghluimte,  agus 
bha  e  air  a  radh  gur  e  facal  ann  am  fear  de 
na  leabhraichean  a  sgriobh  i  a  thug  air  Iain 
Couch  Adams  toiseachadh  air  an  rannsachadh 
sin  leis  an  d'fhuair  e  mach  le  Mathematics 
a  mhain  a'  phlanaid  Neptune,  rud  a  bhios 
air  a  chunntas  gu  brath  'n  a  ionghnadh 
agus  'n  a  aobhar-uaill.  Chan  'eil  eanchainn 
mhic  an  duine  ach  beag,  ach  tha  teine  beo 
o'n  airde  ann,  agus  cuiridh  e  a'  ghrian  agus 
a'  ghealach  agus  na  reultan  air  a'  mheidh. 

Shiubhail  am  boirionnach  ionnsaichte  so 
an  uair  a  bha  i  ceithir  fichead  's  a  tri  deug, 
gun  failing  'na  buadhan  no  caochladh  air 
a  gaol  air  eolas.     Thuirt  i  gu'm  bu  mhaith 


leatha  a  bhi  beo  gus  am  biodli  barrachd 
eolais  aice  air  lionadh  is  traigheadh  na  mara 
agus  mar  tha  na  sruthan  a'  gluasad  's  a'  chuan  ; 
air  an  astar  a  tha  an  talamh  o'n  ghrein  ; 
agus  air  an  fheith-lair  as  a  bheil  uisge  na 
h-aibhne  Nile  ag  eirigh. 

"Tha  fhios  agam,"  ars  ise,  "gu  bheil  am 
has  dliith  dhomh,  agus  gu  bheil  mi  a'  dol 
air  turus  soluimte,  ach  chan  'eil  eagal  no 
fiamh  orm,  oir  neo-airidh  's  mar  tha  mi, 
tha  mi  ag  earbsadh  ann  an  trocair  Dhe  agus 
mo  Shl^nuigheir." 

Eanchainn  bhoirionnach 

Tha  moran  dhaoine  a'  creidsinn  nach  'eil 
eanchainn  boirionnaich  cho  maith  ri  ean- 
chainn fir,  agus  mar  dhearbhadh,  their  iad 
riut  nach  'eil  aon  bhoirionnach  air  a  h- 
ainmeachadh  ann  an  eachdraidh  a  chuireadh 
tu  anns  an  aon  t-sreath  ri  Homer  agus 
Plato  agus  Pol  agus  Newton  agus  Shakes- 
peare. Theagamh  nach  'eil,  ach  ged  tha 
miltean  bhliadhnachan  o  thoisich  Homer 
air  seinn  chan  'eil  ach  ceud  bhadhna  o  fhuair 
na  boirionnaich  cead  is  cothrom  am  beul 
fhosgladh.  Chan  ann  's  an  Eiphit  a  thainig 
clann  Israeli  gu  he  ach  ann  an  saorsa  Th 
a'   Gheallaidh. 

Tha  e  air  a  radh  na'n  robh  a  h-uile  genius 
a  bha  riamh  anns  an  t-saoghal  air  an  cur 
'n  an  sreath  comhla,  gur  e  Sir  Isaac  Newton 
a  bhiodh  air  cheann  na  sreath ! 

Co  a  bhiodh  air  cheann  sreath  nam 
boirionnach  ? 

Laigh  air  a'  chruinne  duibhre  thiugh, 
thuirt  Dia,  Biodh  Newton  ann  ; 

Ghrad-las  an  solus  dealrach  glan 
's  an  duibhre  theich  air  falbh. 

Chlisg  Satan  's  mhallaich  e  le  feirg, 
thuirt  e,  Biodh  Einstein  ann.; 

'S  an  sin  bha  'n  ceo  air  fonn  is  cuan 
Cho  tiugh  's  a  bha  e  riamh. 


CoUach  Foghluimte 


CHAN  'eil  teagamh,  a  leughadair,  nach 
tug  thu  an  aire  dha  iomadh  uair  'n  ad 
fhiosrachadh  fhein,  mar  a  thachras  an  aon 
fhacal  no  an  aon  smuain  ort  tri  no  ceithir 
no  coig  uairean  anns  an  aon  la  ged  nach  do 
thachair  iad  ort  o  chionn  bhliadhnachan 
roimhe  sin. 

Oidhche  Di-sathuirne  thug  mi  greis  air 
leughadh  leabhair  nach  robh  'n  am  laimh 
o  chionn  corr  agus  fichead  bliadhna,  agus 
air  nach  robh  cuimhne  agam  gu  robh  e  idir 
agam,  an  leabhar  a  bha  air  a  chur  a  mach 
an  1857,  fo'n  ainm  Adhamh  agus  Eubh 
le  Lachlann  Mac  Ghill-eathain,  no  mar 
theirteadh    ris    an    Glaschu,    Lachlann  nal 


Gaidhlig,  no  Lachlann  nam  Mogan.  Tha 
mi  an  diiil  gu'n  tugadh  an  t-ainm  mu 
dheireadh  dha  a  chionn  gu  robh  buth- 
aodaich  aige. 

Bha  e  'n  a  chleachdadh  aig  na  seann 
sgoilearan  urrainn  a  thoirt  dhuit  air  gach 
ni  (mor  no  beag,  fiiighail  no  faoin)  a  chuir- 
eadh iad  sios  air  an  duilleig,  air  chor  agus 
gu'm  faiceadh  tu  aig  bonn  na  duilleig 
ainmean  a  chuireadh  uiread  fiamh  ort  's 
nach  cuireadh  tu  'n  an  aghaidh  air  son  an 
t-saoghail,  Plato,  Aristotle,  Pliny,  Eusebius, 
losephus,  agus  urracha  mora  eile  mar  sin. 

Cha  chuala  mi  riamh  gu  robh  Lachlann 
Mac    Ghill-eathain    ann    an    Colaisde    no 


6 


COLLACH  FOGHLUIMTE 


Oilthigh,  ach  shaoileadh  tu  o'n  leabhar  so 
gu  robh  e  cho  eolach  air  Eabhra  agus 
Greigis  's  a  bha  e  air  Gaidhlig,  agus  air  a' 
cheud  duilleig  far  a  bheil  a  'g  a  fhireanachadh 
fhein  agus  a  shaothair  fhein  leis  na  briathran 
so  a  Salm  cxviii.  22,  "  A'  chlach  a  dhiiilt 
na  clachairean  rinneadh  i  'n  a  cloich-chinn 
na  h-oisinn,'"  chan  ann  an  Gaidhlig  idir  a  tha 
e  'g  a  cur  sios  ach  ann  an  Eabhra,  litrichean 
mora  Eabhra  air  nach  'eil  agamsa  an  diugh 
ach  aithne  gun  chuimhne.  Tha  e  a'  tighinn 
thairis  air  Laideann,  Arabic,  Syriac,  Chaldee, 
a  thuilleadh  air  Gaidhlig  Eirinn,  agus 
Gaidhlig  Mhanainn,  agus  Gaidhlig  nan  Cuim- 
reach,  agus  iomadh  canain  eile,  a  dhearbh- 
adh  nam  puingean  so,  (1)  gur  i  a'  Ghaidhlig 
a'  cheud  chanain  a  bha  air  an  t-saoghal,  air 
a  labhairt  le  Adhamh  agus  Eubh ;  mathair 
na  Laideann  agus  na  Greigis,  air  a  sgriobhadh 
le  Maois  agus  le  daoine  eile  mu  thuaiream 
da  mhile  bliadhna  roimh  theachd  Chriosd, 
agus  (2)  gu'n.  tug  Dia  uile  bheathaichean 
na  machrach  agus  uile  eunlaith  nan  speur 
gu  Adhamh  a  dh'fhaicinn  cionnus  a  dh'ain- 
micheadh  e  iad,  agus  gu'n  tug  Adhamh  ainm 
dhaibh  uile,  as  am  beul  fhein. 

Oganach  sgiamhach 

Tha  e  ag  radh  (ach  gun  urrainn  o  Hero- 
dotus no  Pliny  no  Psammeticus)  gu  robh 
Adhamh,  an  uair  a  bha  e  air  ur-chruthach- 
adh,  'n  a  oganach  sgiamhach,  calma  ;  fhalt 
dubh-dhonn  cuaicheannach  a'  ruigheachd 
sios  gu  shlinneanan  leathann,  le  inntinn 
thuigseach  agus  teanga  fhuasgailte,  ag  amh- 
arc  mu'n  cuairt  air  agus  os  a  chionn,  mar 
gu'n  abradh  e,  Co  mi,  cia  as  domh  ?  Ach 
chaidh  e  an  caraibh  a  dhleasdanais  gu 
pongail,  a'  toirt  an  ainmean  do  na  creutairean 
as  am  beul  fhein,  mar  so,  "  Leomhann ; 
chan  'eil  e  furasda  guth  a'  bheathaich 
rioghail  so  a  sgriobhadh :  feumaidh  sinn 
a  riochdachadh  leis  a'  chich-shlugainn,  o 
bhun  an  sgornain,  mar  so,  Leo  -n,  mar  gu'n 
cluinneadh  tu  famhair  a'  grocadh.  'S  e'n 
leomhann  beathach  as  uaisle  nadur  agus 
as  misneachaile  de  uile  bheathaichean  na 
fridhe  ;  uaith  so  theirear  leomhann  ri 
Criosd,  oir  chan  'eil  seasamh  'n  a  aghaidh. 
Leis  an  dealbh-chainnt  cheudna  theirear 
rioghachd  Leon  ri  cearn  de  Ghalicia,  ann 
an  Tir-choinnein  's  an  Spainnt,  a  chionn 
gu  robh  an  luchd-aiteachaidh  leomhanta. 
Uaith  so  cuideachd  fhuair  Clann  111'  Leoin 
an  sloinneadh,  agus  Sierra-Le-one  'ainm." 

Ach  tha  sgoilearachd  de'n  t-seorsa  so 
coltach  ris  an  uisge  bheatha  ;  is  fhearr  Ian 
meurain  dheth  na  Ian  gloine.  An  uine 
ghoirid  sgithich  mi  dheth,  agus  chuir  mi 
bhuam  an  leabhar.     Thog  mi  fear  eile  a  bha 


laimh  rium,  agus  air  a'  cheud  duilleig  a 
dh'fhosgail  mi  bha  ainm  Lachlainn  Mliic 
Ghill-eathain  oirre,  agus  e  air  a  mholadh 
mar  sgriobhaiche  maith  Gaidhlig. 

Duine  nach  robh  'n  am  inntinn  o  chionn 
corr  agus  fichead  bliadhna  a'  tachairt  orm 
le  tuiteamas  da  uair  anns  an  aon  fheasgar ! 
An  sin  chaidh  mi  a'  laighe  agus  anns  a' 
mhaduinn  chaidh  mi  do'n  eaglais.  Leugh 
am  ministear  an  dara  caibideil  de  Leabhar 
Ghenesis  far  a  bheil  so  sgriobhta,  Agus 
dhealbh  an  Tighearna  Dia  as  an  talamh  uile 
bheathaichean  na  machrach,  agus  uile  eunlaith 
nan  speur,  agus  thug  e  iad  gu  Adhamh,  a 
dh'fhaicinn  cionnus  a  dh'ainmicheadh  e  iad  : 
agus  ge  b'e  ainm  a  thug  Adhamh  air  gach 
creutair  bed,  Ve  sin  a  b'ainm  dha.  Agus 
thug  Adhamh  ainmean  do'n  spreidh  uile, 
agus  do  eunlaith  nan  speur,  agus  do  uile 
bheathaichean  na  machrach. 

Tri  uairean  as  deidh  a  cheile,  an  aon  rud 
a'  tachairt  orm  agus  gun  fiughar  ris,  ach  tha 
mi  cinnteach,  a  leughadair,  gu'n  rachadh 
agad-sa  air  clach  dhuit  fhein  a  chur  anns  a, 
charn  so,  an  earn  ris  an  abrar  coincidences 
anns  a'  chainnt  bhriste  agus  mheasgta  nach 
bu  toigh  leis  an  sgoilear  ChoUach. 

B'e  seirbhis-fhliiraichean  na  cloinne  a  bha 
anns  an  eaglais  an  la  ud  ;  ,  o  thoiseach  gu 
deireadh  bha  an  t-seirbhis  fhein  cho  cubh- 
raidh  's  ged  bhiodh  a'  ghaoth  an  lar  a' 
seideadh  o  na  h-Eileanan,  a'  giiilan  air  a 
sgiathan  tlath  aileadh  na's  fhearr  na  gheibh 
thu  o  na  garraidhean  mora  a  tha  riomhach 
le  rosan  agus  fluraichean  uasal  eile — aileadh 
a'  mhachaire  luim  air  nach  'eil  na  caoraich  a' 
fagail  dad  gun  itheadh  ach  a  mhain  an  t- 
aileadh.  Na'm  faiceadh  tuathanaich  Loudie 
am  brat  stuic  a  chuireas  croitearan  nan 
Eileanan  air  sleibhtean  creagach  agus  mach- 
raichean  lom  thuiteadh  iad  as  an  seasamh 
le  ionghnadh. 

Oibrichean  Dhe 

Leugh  am  ministear  ann  an  soisgeul 
Mhata  (vi.  25-34)  an  earrann  anns  a  bheil 
Criosd  ag  iarraidh  air  daoine  gun  ro  churam 
a  bhi  orra  mu  thimchioll  an  la  maireach, 
teagasg  do  nach  'eil  eadhon  na  Criosduidhean 
as  fhearr  a'  toirt  moran  geill.  Cha  do  ghabh 
€  ceann-teagaisg,  ach  labhair  e  ruinn  mu 
Dhia  agus  mu  oibrichean  Dhe  ann  am 
briathran  simplidh  a  thuigeadh  a'  chlann 
cho  maith  ris  na  parantan,  agus  bha  shean- 
chas  uile  cho  pongail  agus  cho  nadurra  's 
nach  sgithichinn  dheth  ged  leanadh  e  air 
uair  a  dh'uine.  Tha  e  'n  a  ghairnealair 
maith  e  fein,  agus  am  bitheantas  tha  ealain 
aig  gairnealairean  air  bruidhinn  ri'n  co- 
chreutairean  mu  nithean  spioradail  nach 
'eil    aig    golfers.     Tha    mi    cinnteach    nach 


FO  CHRAOIBH  SHEUDAIR 


robh  a  bheag  de  dhaoine  arms  an  eaglais  an 
la  ud  nach  robh  an  cridhe  air  a  thaiseachadh 
le  seanchas  a'  mhinisteir,  agus  leis  na 
samhlaidhean  beaga  laghach  a  thug  e 
dhuinn,  a'  moladh  dhuinn  gradh  agus 
cumhachd  Dhe.  Ged  nacb.  biodh  inntinn 
duine  fo  bhuaidh  an  t-saoghail  neo-fhaic- 
sinnich  ach  coig  mionaidean  is  fheairrd  e 
am  plathadh  sin  fhein. 

Chan  'eil  am  Biobull  no  an  sgoilear  Collach 
ag  innseadh  dhuinn  c6  a  thug  ainmean  do 
luibhean   agus   do   chraobhan,    ach   ma's   e 


Adhamh  a  rinn  an  obair  sin  ann  an  Gaidhlig, 
cha  robh  aobhar  aige  a  bhi  mor  as  fhein 
no  uasal  as  a  chuimse,  oir  tha  ainmean  lusan 
agus  fhliiraichean  an  Gaidhlig  cho  coltach 
ri  cainnt  Bhabeil  's  nach  tuig  sinn  each  a 
cheile  an  ilair  a  bhruidhneas  sinn  umpa. 
Tha  so  fior  a  thaobh  ainmean  Beurla  cuid- 
eachd,  ged  tha  iad  mar  is  trice  na's  boidhche 
na  na  h-ainmean  Gaidhlig. 

Co  dhiubli  a  tha  ann  flur,  no  bata,  no 
boirionnach,  is  fhiach  rud  maiseach  ainm 
boidheach  a  bhi  air. 


Fo  Chraoibh  Sheudair 


Anns  a'  hhliadhyia  's  an  d'fhuair  righ  Usiah  has  . 


ANNS  a  h-uile  duthaich  bha  an  doigh  so 
aca  air  tim  a  chunntas,  agus  anns  an  diith- 
aich  as  fhearr  as  aithne  dhuinn  (Gaidheal- 
tachd  na  h-Alba)  tha  an  doigh  so  againn 
fhathast. 

Bhiodh  cinn-fheadhna  nan  Innseanach 
Ruadh  a'  cur  an  comhairle  ri  cheile  aig 
deireadh  na  bliadhna  agus  a'  dol  thairis  air 
na  nithean  a  thachair,  agus  ma  bha  rud  air 
bith  innte  a'  seasamh  a  mach  'n  an  cuimhne 
OS  cionn  thachartasan  eile,  bha  a'  bhliadhna 
air  a  h-ainmeachadh  air  an  rud  sin — • 
bliadhna  na  tuil,  bliadhna  na  gorta,  agus 
mar  sin. 

Cha  robh  an  gnothuch  air  a  shocruchadh 
cho  laghail  no  cho  riaghailteach  'n  ar  measg- 
ne,  ach  an  uair  a  thoisicheadh  duine  air 
cheilidh  air  naidheachd  innseadh  agus  a 
theireadh  e,  a'  bhliadhna  a  dh'fhalbh  am 
buntata,  no  bliadhna  an  eorna-ghoirid,  no 
a'  bhliadhna  a  chaidlx  an  Ness-More  air  tir 
an  CoUa,  bha  fhios  aig  a  h-uile  duine  ciod 
a  bha  e  a'  ciallachadh  cho  maith  's  ged 
theireadh  e  1842,  no  1872,  no  1946. 

Chluinneadh  tu  daoine  a'  dol  air  an  ais 
air  seann  chuimhneachain  gun  uiread  agus 
aireamh  bhliadhnachan  a  bhi  air  an  ain- 
meachadh  aon  uair,  ach  'g  an  comharrachadh 
mar  so, 

A'  bhliadhna  a  shiubhail  Maighstir  Niall 
A'  bhliadhna  a  thogadh  an  tigh-sgoil 
A'  bhliadhna  a  bha  an  Commission  mu'n 

cuairt 
A'  bhliadhna  a  thainig  an  Vivo  air  traigh 

Bhail-a-mhuilinn. 
A'  bhliadhna  a  phos  Mor  Eachainn 
A'  bhliadhna  a  ghabh  Calum  Caimbsul  an 

daorach  mhor 
A'  bhliadhna  a  thainig  na  tosgaidean  rum 

air  a'  chladach. 

Cha  riiig  mi  leas  a  radh  nach  e  Mor  Each- 
ainn  agus   Calum   Caimbeul   na   h-ainmean 


ceart  ;  chan  'eil  annta  ach  ainmean  fuadain, 
ach  cha  bhiodh  tim  air  a  chunntas  o  bhanais 
Moire  no  o  dhaorach  Chaluim  mur  biodh 
rudeigin  neonach  m'an  timchioll.  B'e  an 
neonachas  a  bha  mu  dhaorach  Chaluim, 
■  gur  e  fhein  a  rinn  ainmeil  i  le  bhi  a'  toiseach- 
adh  air  na  naidheachdan  a  bhiodh  e  ag 
innseadh,  "a'  bhliadhna  a  ghabh  mi  an 
daorach  mhor  " — Cha  b'e  drongair  a  bha  'n 
Calum  ach  duine  stuama  ;  b'e  'n  daorach 
ud  a'  cheud  te  agus  an  te  mu  dheireadh. 

Na  laigheadh  a'  ghrian  air  bhur  feirg,  agus 
na  tugaibh  aite  do'n  diabhol. —  Ephes. 
iv.  26. 

Tha  droch  nadur  ann  am  boirionnaich 
mar  tha  e  anns  na  fir,  agus  air  uairean  tha 
e  'g  a  nochdadh  fein  m'an  gann  a  tha  iad 
bliadhna  a  dh'aois.  An  uair  a  chi  thu 
paisde  a'  diiiltadh  a  bhrochain  a  ghabhail 
agus  sgraing  air  a'  caoineadh  le  droch 
nadur  agus  a  mhathair  a'  glaganaich  sp^in- 
nean  agus  gach  rud  eile  a  tha  aig  laimh 
leis  an  dean  i  fuaim  neonach  a'  feuchainn  ri 
saod  a  chur  air  a'  chreutair  chrosda  feuch 
an  gabh  e  a  bhiadh,  b'fhearr  dhi  deiseagan 
a  thoirt  air  a  mhas  agus  leigeil  leis  caoineadh 
gus  an  sileadh  e  a  mach  as  fhein  a  dhroch 
nadur. 

Ann  an  Colaisde  bhoirionnach  an  Sasunn 
bha  te  de  na  caileagan  aig  an  robh  a  leithid 
de  dhroch  nadur  's  na'n  robh  i  beo  an  linn 
an  Tiomnaidh  Nuaidh,  gu'n  abradh  daoine 
gu  robh  deamhan  innte.  Bha  i  'n  a  sgoilear 
maith,  ach  air  maduinn  ceasnachaidh  ris 
an  robh  m.6ran  an  crochadh,  chuir  rudeigin 
bharr  a  siiiil  i,  agus  leis  an  dannarrachd  agus 
an  droch  nadur  cha  ghabhadh  i  a  braiceas. 

Cha  robh  na  maighstirean-sgoile  agus  na 
ban-mhaighstirean-sgoile  air  son  gu'n  rach- 
adh  i  a  stigh  do'n  t-seomar-cheasnachaidh 
air  stamaig  fhalamh,  agus  chuir  iad  fios  gu 
ard-cheann  a'  Cholaisde  a  dh 'innseadh  dhi 


8 


AN  T-ARD  SHEANADH 


mar  bha ;  bean-uasal  a  bha  an  da  chuid  glic 
agus  smachdail. 

Chuir  i  fios  air  a'  chaileig  (mu  aois  seachd 
bliadhna  deug)  tighinn  'n  a  lathair,  ach  an 
aite  iarraidh  oirre  gloine  bainne  a  ghabhail 
CO  dhiubh,  mar  bha  dochas  aig  each  a  dhean- 
adh  i,  is  e  a  thuirt  i  rithe  gu  reidh  ciuin, 
"  Tha  mi  a'  cluinntinn  gu  bheil  thu  a' 
trasgadh  an  diugh,  doigh  ghlic  gun  teagamh 
air  droch  nadur  mar  tha  agad-sa  a  cheann- 
sachadh." 

Cha  robh  an  corr  air  a  radh,  ach  aig  uair 
na  dinnearach  shuidh  a'  chaileag  gu  samhach 
am  measg  chaich  aig  a'  bhord. 

Tha    cuimhneachadh    air    m'    amhghar    'na 
shearbhadas  agus   'na  dhomblas. 

— -Tuireadh  leremiah. 

0  chionn  bhliadhnachan  bha  cor  truagh 
nan  ludhach  a'  laighe  gu  trom  air  cridh- 
eachan  dhaoine  caomhail  anns  gach  diithaich 
air  an  t-saoghal ;  daoine  gun  duthaich,  gun 
dachaidh,  gun  saorsa ;  air  an  iomain  o 
champ  gu  camp,  gun  fhios  aca  co  an  la  no'n 
oidhche  a  dh'fhaodadh  iad  a  bhi  air  am  mort. 
Chuala  an  saoghal  uile  mu  bhriiidealas  na 
geur-leanmhuinn  a  rinn  Hitler  agus  Himm"ler 
orra,  ach  eadhon  ann  an  diithchannan  far 
an  d'fhuair  iad  ceartas  is  cothrom  na 
b'fhearr  na  thug  a'  Ghearmailt  dhaibh  cha 
robh  an   coimhearnsaich  ro   chairdeil  riu. 

A  mach  o  America  chan  'eil  duthaich  eile 
air   an   t-saoghal    anns    an    robh    barrachd 


gean-maith  air  a  nochdadh  dhaibh  na  fhuair 
iad  anns  an  duthaich  so,  agus  a  dh'aindeoin 
cho  neo-reusonta  agus  cho  duUich  a  bhi 
suas  riu  's  a  tha  buidhnean  dhiubh  ann  am 
Palestin  tha  Breatunn  agus  eaglaisean 
Bhreatuinn  daonnan  cuimhneachail  gu  bheil 
a'  Chriosdachd  uile  fo  fhiachan  cho  trom  do 
na  h-Iudhaich  's  nach  biodh  e  uasal  dhuinn 
mur  feuchamaid  ri  'm  paigheadh.  Thug 
an  sluagh  so  Criosd  dhuinn,  agus  ciod  an 
doigh  a  b'fhearr  air  ar  fiachan  a  phaigheadh 
na  Criosd  a  thoirt  dhaibh  a  ris  ged  chuir  iad 
ciil  ris,  agus  a  ghlaodh  iad,  Beir  uainn  e, 
Ceus,  ceus  e. 

An  uair  a  bhios  sinn  a'  leughadh  anns  na 
paipearan-naidheachd  mu  shaighdearan 
Breatunnach  air  am  mort  le  bombs  ludhach 
tha  e  nadurra  gu'm  biodh  eadhon  daoine 
aig  an  robh  uidh  ann  an  obair  shoisgeulach 
am  measg  nan  ludhach  roimhe  so  a'  fas 
goirid  'n  an  nadur,  agus  toileach  dioghaltas 
a  dheanamh  orra  le'n  tabhartas  do'n  Cho- 
munn  ludhach  anns  an  eaglais  a  chumaU 
air  ais.  Ach  chan  'eil  sin  ceart  no  criosdail ; 
chan  'eil  ann  ach  droch  spiorad  an  t-saoghaU, 
a  tha  air  a  dhiteadh  anns  a'  Bhiobull  agus 
le  ar  coguis.  "  Na  toirear  buaidh  ort  leis  an 
olc,  ach  thoir-sa  buaidh  air  an  olc  leis  a' 
mhaith." 

Tiodhlac  nan  ludhach  dhuinne — Am  Bio- 
bull,  agus  Criosd,  agus  Pol,  agus  Peadar, 
agus  Eoin — agus  sinne  a'  meas  nach  fhiach 
an  dileab  sin  ach  tri  sgillinean  is  bonn-a-sia 
's  a'  bhliadhna. 


An  t-Ard  Sheanadh 


,.GED  nach  'eil  paipearan  na  sgUlinn  a' 
gabhail  moran  suim  do'n  eaglais  chan  'eil 
aobhar-gearain  aice  an  aghaidh  nam  paip- 
earan mora,  an  t-  Alhannach  agus  Herald 
Ghlaschu.  Eadar  an  cunntas  a  tha  iadsan 
a'  toirt  air  obair  an  t-Seanaidh  gach  la,  agus 
na  gheibhear  uimpe  ann  am  Miosachan 
Beurla  na  h-eaglais  chan  'eil  aobhar  a 
bheag  a  radh  air  na  duilleagan  Gaidhlig. 

Ged  nach  tuiteadh  na  speuran  ged  nach 
coinnicheadh  an  Seanadh  feumaidh  e  coinn- 
eachadh  a  thoirt  ughdarrais  do  na  Cleirean 
agus  do  gach  Comunn  eile  a  tha  cur  ceann 
ann  an  gnothuch  air  bith  an  ainm  na  h- 
eaglais.  Tobar  an  uile  ughdarrais  an  t-Ard 
Sheanadh. 

Ach  ged  dh'fhaodas  e  iarraidh  air  an  eaglais 
leth-cheud  mile  a  bharrachd  a  thoirt  do  aobhar 


an  t-soisgeU  an  diithchannan  cein  am  bliadhna 
na  thug  i  an  uiridh  faodaidh  an  eaglais  a 
bhi  fialaidh  no  spiocach  mar  is  aUl  leatha 
fhein.  Tha  tiodhlacan  an  t-sluaigh  an 
earbsa  ris  na  tha  annta  de  dh'eud  agus  de 
ghean-maith  an  t-soisgeil. 

Cluinnidh  tu  daoine  ag  radh  nach  'eil 
aite  an  suidh  ministearan,  an  Cleir  no  an 
Seanadh,  nach  e  airgiod  an  aon  seanchas 
aca — airgiod,  airgiod,  airgiod  ;  thoiribh 
dhuinn,  thoiribh  dhuinn,  thoiribh  dhuinn  ; 
Ciod  eile  a  bu  choir  dhaibh  iarraidh  air  buUl 
na  h-eaglais  ach  a  h-obair  a  chuideachadh 
anns  an  aon  doigh  anns  an  teid  aca  air  a 
dheanamh,  oir  is  e  an  fhirinn  gur  ann  le'n 
tiodhlacan  airgid  a  tha  a'  mhor-chuid  de 
Chriosduidhean  a'  faotainn  cothroim  an 
diugh  air  larnh  a  bhi  aca  ann  an  obair 
spioradail. 


Aireamh  lo 


1947 


Glaodh  a'  chridhe 


Tha  mo  chridhe  agus  m  fheoil  ag  digheach  gu  h-ard  air  son  an  De  bhed. — Salm  Ixxxiv.  2. 


CHAN  'eil  salm  eile  anns  a'  Bhiobull  as 
trice  a  tha  air  ar  Mean  ann  an  aoradh  na 
h-eaglais  na'n  t-salm  so,  a  chionn  gu  bheil 
i  a'  cur  ann  am  briathxan  simplidh  agus 
maiseach  an  ionndrainn  air  Dia  a  tha  ann 
an  cridhe  mhic  an  duine,  agus  an  sonas  a 
tha  daoine  a'  faotainn  ann  an  co-chomunn 
Dhe  an  uair  a  bhios  iad  'g  a  mholadh  'na 
theampuU  naoroh.  "  Is  fe^rr  1^  'n  ad  chilirt- 
tibh  na  mile  ;  b'  fhe^rr  leam  bhi  ri  dorsair- 
eachd  ann  an  tigh  mo  Dhe  na  bhi  'm  ch5mh- 
nuidh  ann  am  p^illiunaibh  aingidheachd." 

Chan  urrainn  mi  innseadh  c6  sgriobh  i, 
no  c'uin  a  bha  i  air  a  sgriobhadh,  ach  is 
beag  an  call  sin,  oir  chan  e  guth  aon  duine  a 
tha  sinn  a'  cluinntinn  innte  ach  guth  na 
h-eaglais  agus  guth  a'  chinne-daonna,  a' 
labhairt  chan  ann  ri  aon  ghineal  a  mh^in 
ach  ris  na  ginealan  uile  gu  deireadh  an  t- 
saoghail. 

Tha  an  t-salm  'g  a  roinn  fhein  'na  tri 
earrannan  : 

(1)  Rannan  1-4,  far  a  bheil  an  salmadair  ag 
innseadh  mu'n  ghaol  a  tha  aige  air 
tigh  an  Tighearna,  gaol  cho  m6r  's 
gu  bheil  a  chridhe  agus  fheoil  a' 
fannachadh  leis.  Dh'fhaodadh  e  a 
radh  mar  thubhairt  Solamh,  "  tha 
mi  tinn  le  gaol." 

(2)  Rannan  5-8,  far  a  bheil  e  ag  innseadh 
mu'n  t-sonas  agus  mu'n  neart  a  tha 
Dia  a'  toirt  d'a  shluagh  aig  a  bheil 
suim  d'a  lagh  agus  d'a  aitheantan. 
Tha  tobraichean  dluth  dhaibh  daonnan 
air  an  turns  as  am  faod  iad  uisge 
fionnar  61. 

(3)  Rannan  9-12,  far  a  bheil  e  ag  ardach- 
adh  nam  beannachdan  a  gheibhear 
ann  an  tigh  an  Tighearna  os  cionn 
uile  bhaoth-shtigradh  an  t-saoghail. 
Chan  'eil  aig  clann  an  t-saoghail  so 
ach  na  plaoisg  ;  tha  biadh  anns  na 
cnothan  a  tha  Dia  a'  toirt  d'a  shluagh. 
"  Cha  chiim  e  maith  air  bith  uapa-san 

•a  ghluaiseas  gu  h-ionraic." 

Ionndrainn  aii  Dia 

Is  maith  an  comharradh  e  air  duine  air 
bith   gu    bheil   iarraidh    aige    air    dol   do'n 


eaglais,  agus  toil  a  bheir  innte  e,  ach  is  dona 
an  comharradh  e  gur  fhe&,rr  leis  ceihdh  na 
Sabaid  na  bhi  ag  eisdeachd  ri  facal  Dhe  agus 
a'  seinn  a  chliii  an  comunn  a  shluaigh.  Bha 
gaol  aig  an  t-salmadair  air  tigh  an  Tighearna 
a  chionn  gu  robh  ionndrainn  air  Dia  'n  a 
chridhe.  "  Tha  tart  air  m'anam  an  geall 
air  Dia,  an  geall  air  an  Dia  ta  beo."  Is 
e  an  fhior  aobhar  gu  bheil  uiread  dhaoine 
an  diugh  a'  tuiteam  air  falbh  o'n  eaglais, 
agus  a'  leigeil  aoradh  Dhe  agus  Dia  fhein 
as  an  cuimhne,  nach  'eil  an  ionndrainn  so 
idir  'n  an  cridhe.  Ma  bha  i  ann  uaireigin, 
shiolaidh  i  as,  air  a  mtichadh  le  iarrtasan 
eile  a  bu  l^idire. 

Tha  moran  dhaoine  anns  an  t-saoghal  a 
tha  dall,  no  bodhar,  no  bacach,  no  troich- 
eanta,  ach  chan  lu'rainnear  na  daoine  sin 
a  ghabhail  mar  shamplairean  air  fior  n^dur 
mhic  an  duine,  ach  mar  shamplairean  air 
am  mi-nadurrachd  fhein.  Chan  'eil  an 
troich  coltach  ri  daoine  eile  a  chionn  nach 
'eil  ann  ach  an-duine  no  leth-duine.  Is  ann 
mar  sin  a  tha  na  daoine  aig  nach  'eil  ionn- 
drainn 'n  an  cridhe  air  Dia,  oir  tha  an 
cinneadh-daonna  uile  a'  togail  fianuis  gu 
bheU  e  nadurra  do  mhac  an  duine  a  bhi  ag 
iarraidh  co-chomunn  a  bhi  aige  ri  Dia. 

ShaoHeadh  tu  gu  bheil  gu  leoir  de  nithean 
maithe  anns  an  t-saoghal  a  riaraicheadh 
cridhe  an  duine  a  mach  o  Dhia,  agus 
theagamh  gu'n  riaraich  na  nithean  sin  a 
chridhe  car  greis,  ach  luath  no  mall  thig 
e  thuige  fhein,  agus  cuimhnichidh  e  air  Dia. 
Mar  dubhairt  Augustine,  "  Cha  bhi  cridhe 
an  duine  aig  fois  gus  am  f aigh  e  f ois  ann  an 
Dia."  "  Tha  cridhe  an  duine,"  arsa  fear 
de  na  seann  diadhairean,  "  tri-oisinneach 
agus  an  saoghal  cruinn,  agus  ged  chuireadh 
tu  an  saoghal  uUe  ann  an  cridhe  an  duine 
bhiodh  falamhachd  ann."  Bhitheadh,  a 
chionn  nach  robh  Dia  ann.  "  Pill,  0  m' 
anam,   gu  d'  shuaimhneas." 

Dia  ann  an  Criosd 

Anns  a  h-uite  duthaich  fo'n  ghrein  tha 
daoine  a'  sineadh  a  mach  an  lamhan  anns  an 
dorchadas  feuch  am  faigh  iad  eolas  air  an 
Ti  Mhor  a  tha  'g  a  fholach  fhein  anns  an 
duibhre,  agus  an  glaodh  agus  an  iirnuigh  so 


GLAODH  A'  CHRIDHE 


'n  an  cridhe,  "  Och  gun  fhios  agam  c'  aite 
am  faighinn  esan,  agus  gu  'n  tiginn  a  dh' 
ionnsuidh  'aite."  Tha  e  maith  do  dhaoine 
gu'm  biodh  iad  a'  deanamh  aoraidh  do 
Dhia  eadhon  ged  nach  biodh  eolas  aca  air, 
oir  is  e  Dia  ar  n-athair,  a  rinn  an  saoghal, 
Tighearna  neimh  agus  na  talmhainn,  a  tha 
toirt  beatha  agus  anail  do  na  h-uile,  agus 
nach  'eil  fada  o  gach  aon  againn,  oir  annsan 
tha  sinn  beo,  agus  is  sinn  a  chlann,  a  chruth- 
aich  e  chum  cliii  a  ghloire  fein. 

Dh'  fhoUlsich  an  t-Athair  siorruidh  e  fein 
'n  a  Mhac,  a  shonraich  e  a  thoirt  breith  air 
an  t-saoghal  ann  am  fireantachd,  a  tha  nis 
air  a  shearmonachadh  leis  an  eaglais,  a 
ghairm  e  gu  bhi  'n  a  fianuis  dha,  air  chor 
agus  nach  'eil  lethsgeul  againn  a  bhi  aineolach 
air  Dia,  no  a'  deanamh  aoraidh  do  Dhia 
Neo-  Aithnichte  mar  rinn  muinntir  na  h- 
Aithne,  do  bhrigh  gu'n  do  rinn  e  a  nadur, 
agus  a  riltntean,  agus  a  chumhachd,  agus  a 
ghradh,  follaiseach  ann  an  losa  Criosd. 

Is  e  Criosd,  ma  ta,  aran  na  beatha  agus 
an  t-uisge  beo,  a  chionn  gur  ann  trid-san  a 
fhreagair  Dia  glaodh  agus  iirnuigh  a'  chinne- 
daonna,  agus  a  riaraich  e  an  ionndrainn 
air  fein  a  tha  ann  an  cridheachan  dhaoine. 

Ma  bu  mhaith  leinn  an  t-sith  agus  an 
fhois  agus  an  sonas  a  bhi  againn  a  tha  sinn 
ag  iarraidh  agus  a'  gealltainn  dhuinn  fhein, 
feumaidh  siim  ar  cridhe  a  shuidheachadh 
air  na  nithean  as  fhearr  agus  is  airde  anns  an 
t-saoghal,  agus  is  e  an  aon  ni  no  neach  as 
fhearr  anns  an  t-saoghal  so,  losa  Criosd, 
maiseach  agus  iomlan  'n  a  dhaonnachd, 
maiseach  'n  a  bheatha,  maiseach  agus 
rioghail  an  uair  a  chuir  iad  an  crim-droighinn 
air  a  cheann  agus  a  dh'  fhuiling  e  bas  a' 
chroinn-cheusaidh  air  son  peacadh  an  t- 
saoghail.  Am  facas  no  an  cualas  riamh  air 
thalamh  rud  eile  no  sgeul  eile  cho  iongantach 
no  cho  glormhor  ri  beatha  Chriosd  agus  ri 
sgeul  an  t-soisgeil,  Dia  a'  dearbhadh  a 
ghraidh  do  dhaoine  le  bas  a  mhic,  agus  'g 
am  beannachadh  leis  gach  uile  bheannachd 
spioradail,  —  reite  ris  fhein,  maitheanas 
peacaidh,  sith  nach  urrainn  an  saoghal  a 
thoirt  dhaibh  no  a  thoht  bhuapa,  agus 
dochas  nach  sgarar  iad  gu  brath  o'n  t- 
Slanuighear  anns  an  do  chreid  iad  ? 

Le  Dia  agus  le  Criosd  a  bhi  againn  bidh 
gach  uile  ni  maith  eUe  againn,  ach  gun  Dia 
agus  gun  Chriosd  bidh  sinn  mar  a'  mhuir 
bhuairte  nach  urrainn  a  bhi  aig  fois.  Na'n 
robh  tuigse  againn  air  an  t-sonas  a  tha  Dia 
a'  tairgsinn  dhuinn  ann  an  Criosd  ghabh- 
amaid  ri  tiodhlac  a  ghraidh  le  ar  da  laimh, 
oir  is  fhearr  a  choibhneas-graidh-san  na'n 
t-6r,  "  Is  beannaichte  an  sluagh  d'  an  Dia 
an  Tighearna."     Tha  ulaidh  aca  as  fhearr 


na  sonas,  fois  as  naoimhe  agus  as  maireann- 
aiche  na  aoibhneas,  agus  ni-eigin  de  lanachd 
na  beatha  a  tha  anns  an  Ti  Uile-bheannaichte 
fhein. 

Aoibhneas  an  luchd-turuis 

Bha  uiread  gaoil  aig  an  fhear  a  sgriobh 
an  t-salm  so  air  tigh  an  Tighearna  's  gu 
robh  farmad  aige  ris  na  gobhlain-gaoithe 
agus  na  h-eoin  bheaga  eile  a  bhiodh  a'nead- 
achadh  anns  na  tuill  os  cionn  an  ard-doruis 
agus  fo'n  anainn.  Chan  fhaigheadh  esan 
dol  ann  ach  aig  amannan  agus  uairean 
sonruichte,  ach  dh'  fhaodadh  iadsan  f antuinn 
ann  fad  na  h-tiine.  "  Is  beannaichte  iadsan 
a  tha  'n  an  cdmhnuidh  'n  ad  thigh-sa,"  Ach 
leis  an  ath  sgriob  d'a  pheann  tha  e  ag 
radh  nach  e  mhain  gur  daoine  sona  iadsan 
a  tha  'n  an  comhnuidh  ann  an  tigh  an 
Tighearna,  ach  gur  sona  cuideachd  iadsan 
aig  a  bheil  iarraidh  air  dol  ann  agus  a  bha 
a'  deanamh  oidhirp  air  dol  ann. 

Chan  'eil  teagamh  nach  ann  air  na  daoine 
a  bhiodh  a'  dol  suas  gu  lerusalem  as  gach 
cearn  de'n  diithaich  a  choimhead  laithean- 
feille  a  bha  e  a'  smuaineachadh.  Air  uairean 
bha  rathad  Ghlinn-Bhaca  cunnartach  agus 
sgitheil,  ach  bu  bheag  aca  sgiths  no  cunnart 
an  uair  a  chuimhnicheadh  iad  gu  robh  iad 
a'  dol  suas  do'n  teampuU  naomh,  agus 
thigeadh  neart  ur  'n  an  casan  agus  sprachd 
'n  an  ceum  an  uair  a  chitheadh  iad  beanntan 
lerusalem  a'  tighinn  's  an  t-sealladh. 

Sior-ghluaisidh  iad  mar  sin  gun  sgiths, 

A'  dol  o  neart  gu  neart ; 
An  Sion  nochdar  iad  fadheoidh, 

An  lathair  Dhe  ham  feart. 

So  aon  de  na  Sailm  anns  a'  bheil  am  BiobuU 
Gaidhlig  a  bha  air  a  cheartachadh  an  1902 
air  thoiseach  air  an  t-seana  Bhiobull  Gaidhlig. 
Tha  e  'g  a  chur  mar  so — "  aig  am  bheil  na 

rathaidean-mora  gu  Sion  'n  an  cridhe 

a'  dol  troimh  ghleann  Bhaca.  ni  iad  e  'n  a 
aite  thobraichean  ;  seadh  comhdaichidh  an 
t-uisge  trath  e  le  beannachdan."  B'  fhearr 
learn  a  bhi  aig  an  stairsnich  ann  an  tigh  mo 
Dhe  .  .  .  ." 

Gleann  nan  deur 

Cha  mhor  nach  'eil  uiread  ainmean  air  a' 
ghleann  ud  's  a  tha  air  an  naosg  ;  Gleann 
Bhaca,  Gleann  a'chaoinidh,  Gleann  nan  deur, 
agus  is  ann  o'n  fhear  mu  dheireadh  a  dh' 
ionnsaich  daoine  an  droch  chleachdadh,  a  bhi 
bruidhinn  air  a  bheatha^-so  agus  air  an  t- 
saoghal  so  mar  ghleann  nan  deur.  Chan  'eil 
teagamh  nach  'eil  deoir  agus  bron  agus 
trioblaid    ann    an    crannchur    dhaoine    air 


A^NS  A'  CHATHAIR 


thalamh,  ach  tha  sonas  agus  solas  agus 
aoibhneas  ann  cuideachd,  agus  bhiodh  e 
cearr  djiuinii  a  bhi  ag  osnaich  agus  a'  sileadh 
dheur  nuair  bu  choir  dhuinn  a  bhi  moladh 
Dhe .  An  uair  a  thig  camadh  'n  ad  chrannchur 
tha  ar  n-Athair  caomhail  dluth  dhuit,  agus 
comh-fhulangas  aige  riut  'n  ad  uile  amhghar, 
aoh  chan  e  toil  Dhe  gu'n  suidheadh  tu  uile 
laithean  do  bheatha  ag  ochanaich  agus  a' 
caoidh ;    is  e  toil  Dhe  gu'n  tugadh  comh- 


fhurtachd  Fhacail  neart  d'ad  chridhe;  gu'n 
tiormaicheadh  tu  do  dheoir,  agus  gu'n 
rachadh  tu  air  t'  ais  gu  d'obair  agus  gu 
companas  do  bhraithrean  mar  neach  a  bha 
maille  ris  fhdin. 

Aon  ni  a  mhiannaich  mi  o  Dhia, 

gu  minic  iarram  e, 
A  bhi  a'm'  chdmhnuidh  feadh  mo  la 

an  tigh  's  an  aros  Dhe. 


Anns  a'  Chathair 


ANN  am  feasgar  mo  laithean  tha  aithreachas 
orm  gu'n  d'fhag  mi  gun  deanamh  rud  no 
dha  a  bha  aon  uair  'n  am  inntinn  a  dheanamh, 
ach  anns  an  do  chuir  mi  dail  cho  fada  's 
gu  bheil  e  nis  ro  anmoch  t6isea.chadh  orra, 
ged  nach  biodh  e  duilich  dhomh  na  clachan- 
togail  a  tharruing  as  mo  chuimhne.  Tha 
aithreachas  orm  nach  do  sgriobh  mi  ann  an 
Gaidhlig  leabhran  beag  boidheach  agus 
dealbhan  ann,  a  bhiodh  air  a  leughadh  le 
balaich  agus  oigridh  eile  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd,  ag  innseadh  dhaibh  mu  dhaoine 
gaisgeil  agus  cruadalach  air  nach.robh  eagal 
am  beatha  a  chur  an  cunnart,  no  am  bodhaig 
a  ,  sharuchadh. 

Sin  an  seorsa  dhaoine  as  fhiach  dhuit 
eolas  a  chur  orra,  oir  is  iad  salann  na  talmh- 
ainn,  daoine  a  tha  ,an  gniomharan  agus  an 
gaisgealachd  a'  cumail  beo  anns  an  t-saoghal 
an  creideamh  agus  an  dearbhachd  gu  bheil 
ni-eigin  ann  am  mac  an  duine  a  tha  os  cionn 
an  t-saoghail  so. 

Ged  nach  do  sgriobh  mise  an  leabhran  so, 
nach  maith  a  dh'fhaodadh  an  Comunn 
Gaidhealach  ceann  a  chur  anns  an  obair ! 
Tha  gu  leoir  a  dh'airgiod  aca,  tha  gu  leoir 
a  dh'oigridh  aca  fo  an  sgiathan,  agus  tha 
gu  leoir  de  dhaoine  aca  a  b'urrainn  an  obair 
a  dheanamh.  Tha  iad  daonnan  a'  caoidh 
gu  bheil  aobhar  na  Gaidhhg  air  a  chumail 
air  ais  leis  nach  'eil  leabhraichean  againn  'n 
ar  cainnt  fhein  a  bheathaicheas  inntinn  na 
h-6igridh.  Gu  de  is  motha  le  balaich 
Ghaidhealach  an  diugh  ciod  a  thuirt  Alasdair 
Gearr,  no  Mac  Rath  Mor,  no  DomhnuUach 
na  Toiseachd,  no  Tormod  Mac  Leoid ;  is 
fhearr  leo,  agus  is  fhearr  dhaibh,  a  bhi 
leughadh  mu  Nansen,  agus  Caiptean  Scott, 
agus  Amundsen,  agus  Eideard  Wilson,  agus 
daoine  eile  de'n  t- seorsa  sin,  a  dh'f hulling 
cruad,al  air  ghaol  ni-eigin  a  dheanamh  a  bha 
iad  an  diiil  a  b 'fhiach  a  dheanamh.  Ann  am 
fear  d'a  leabhraichean  sgriobh  Comanndair 
Peary  mar  so,  "  Lean  mi  orm  gun  sgiths 
a    chionn   gu   robh    mi   daonrian    cinnteach 


'n  am  chridhe  fhein  gu  robh  mi  air  cheann 
gnothuich  a  b'urrainn  dhomh  a  thoirt  gu 
crich,  agus  nach  biodh  m 'inntinn  aig  fois 
gu  brath  mur  gabhainn  os  laimh  e." 

Saothair  agus  stri 

Tha  uiread  astair  eadar  duine  gaisgeil 
agus  gealtaire  's  a  tha  eadar  an  solus  agus 
an  dorchadas,  eadar  beatha  agus  bas.  Cha 
robh  gealtaire  riamh  'n  a  dhuine  maith, 
agus  cha  mho  a  gheibhear  gaisgealachd  ann 
an  droch  dhaoine.  Cuimhnich,  a  leughadair, 
nach  'eil  saighdearan  no  tapaid  air  m'  aire 
anns  an  t-seanchas  so  ;  tha  fhios  agam  gle 
mhaith  gu  bheil  euchdan  gaisgeil  air  an 
deanamh  ann  am  full  theth  le  daoine  nach 
b'urrainn  dhuit  a  radh  umpa  gur  daoine 
maith  iad.  Chualas  mu  dhuine  a  choisinn 
V.G.  a  bhiodh  a'  baaladh  na  mnatha.  Ach 
tha  cogadh  is  tapaid,  agus  an  saoghal  d'am 
buin  iad,  an  taobh  a  muigh  d'am  sheanchas 
an  drasd,  oir  is  ann  air  a'  ghaisgealachd  a  tha 
ri  fhaicinn  ann  am  beatha  dhaoine  a  tha 
'g  an  smachdachadh  fein  air  son  aobhar 
uasal  air  chor-eigin  a  bu  mhaith  leam 
bruidhinn. 

Ged  nach  urrainn  sinne  a  radh  le  cinnt 
(oir  is  ann  aige  fein  a  mhain  a  tha  fhios) 
car  son  a  chuir  Dia  do'n  t-saoghal  sinn, 
no  car  son  a  thug  e  dhuinn  ar  beatha,  tha 
aobhar  againn  a  bhi  creidsinn  gu  bheil  ar 
laithean  air  thalamh  'g  ar  n-oileanachadh, 
agus  'g  ar  n-ullachadh,  agus  'g  ar  dearbhadh, 
air  son  an  ath  cheum  d'ar  beatha  ann  an 
saoghal  eile.  Agus  gus  an  t-oileanachadh 
sin  a  thoirt  dhuinn,  agus  an  dearbhadh  sin 
a  chur  oirnn,  shonraich  Dia  gu'm  biodh 
saothair  agus  stri  agus  fulangas  a'  tachairt 
oirnn  gach  ceum  d'ar  beatha.  Buinidh 
saothair  agus  stri  do  bheatha  mhic  an  duine 
cho  cinnteach  ri  eirigh  is  laighe  na  greine, 
agus  an  aite  bhi  duilich  gu'm  buin  is  ann 
bu  choir  dhuinn  Dia  a  mholadh  air  an  son, 
oir  tha  iad  a'  criathradh  dhaoine  agus  a' 
dealachadh  dhaoine  gaisgeil  o  na  boganaich. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Is  eigin  gu'm  bi  seotachan  agus  boganaich 
agus  gealtairean  agus  luimdairean  anns  an 
t-saoghal,  ach  is  an-aoibhinn  do'n  t-saoghal 
ma  dh'fhasas  iad  na's  lionmhoire  na  tha  iad 
cbeana,  oir  tha  feum  aig  an  t-saoghal  an 
diugh  air  daoine  laidir  cruadalach  aig  a 
bheil  earbsa  annta  fhein  agus  air  nach  'eil- 
eagal  roimh  fhuachd,  no  roimh  obair,  no 
roimh  chunnart,  no  roimh  bheachdan  am 
braithrean  ;  daoine  nach  teid  a  null  no  a 
nail  o'n  chtirsa  a  tha  'g  an  toirt  a  dh'ionnsuidh 
a'  chinn-uidhe  a  chtiir  iad  romhpa,  ach  a 
leanas  orra,  biodh  an  t-slighe  reidh  no  cas, 
cho  seasmhach  ri  Creag  Ealasaid ;  faidh- 
idinneach,  sunndach,  coibhneU. 

Turus  Chaiptein  Scott 

Anns  na  laithean  so,  'nuair  tha  nithean 
a  bha  sinn  a'  saoilsinn  maireannach  air  an 
crathadh  mar  nach  robh  annta  ach  faoin- 
sgeul,  bhiodh  e  maith  do  dhaoine  oga  eolas 
a  chur  air  leithidean  Chaiptein  Scott,  agus 
Eideard  Wilson,  agus  an  companaich,  a 
bhasaich  anns  an  t-sneachd  air  an  turus 
air  an  deachaidh  iad  a  dh'iarraidh  cridhe 
na  h-Airde  Deas,  daoine  a  chaidh  le'n  toil 
fhein  troimh  ghabhaidhean  eagaUach  gun 
ghearan,  gun  mheatachadh,  gun  bhoilich. 
Am  b'urrainn  balach  air  bith  dealbh  a 
b'fhearr  a  chumail  'n  a  iimtinn  'n  a  oige 
na'n  tigh-beag-canabhais  ud  'n  a  sheasamh 
anns  an  t-sneachd  air  beanntan  onrachdach 
na  deigh,  agus  ceathrar  dhaoine  gaisgeil 
ann  a'  feitheamh  ris  a'  bhas,  fann  le  acras 
agus  meilichte  le  fuachd,  ach  gun  fhacal  cas 
no  crosda  eatorra,  no  gearan,  no  ciiichran. 

Ann  an  aon  seagh  bha  iad  mi-shealbhach, 
oir  cha  do  sheas  sgioba  dhaoine  air  clar 
luinge  riamh  a  b'fhearr  na  na  daoine  a  sheol 
le  Caiptean  Scott  anns  an  Discovery  an  1901 
agus  anns  an  Terra  Nova  an  1910,  iad  uile 
laidir  'n  am  bodhaig  agus.  uasal  'n  an  n^dur 
agus  cuid  dhiubh  aig  an  robh  sgoil  agus  eolas 
a  bha  cho  comharraichte  ris  na  t^lantan 
eile  a  bha  aca.  Bha  Caiptean  Scott  fhein 
air  uidheamachadh  air  son  na  h-oibre  a  bha 
e  air  a  ceann  na  b'fhearr  na  duine  eile  am 
Breatunn,  oir  b'aithne  dha  cuantan  na  h- 
Antarctic  mar  is  aithne  do  Seton  Gordon 
beanntan  agus  monaidhean  an  Eilein  Sgith- 
eanaich,  agus  bha  gach  ceum  de'n  turus, 
agus  gach  car  de'n  obair  a  chuir  e  roimhe  a 
dheanamh  air  a  chur  an  ordugh  roimh  laimh 
cho  curamach  's  ged  bu  chomanndair  airm 
e  ag  uUachadh  air  son  baiteil.  B'e  Eideard 
Wilson  fear  a  dheis-l^imhe,  duine  anns  an 
robh  uaisle  nadurra,  agus  aig  an  robh  a 
bhuaidh  so  air  daoine  eile,  nach  b'urrainn 
dhaibh  rud  leibideach  a  radh  no  dheanamh 
'n  a  lathair. 


Am  agus  tuiteamas 

Ach  bha  an  turus  mi-shealbhach  o'n  1^ 
a  bhuail  stoirm  ghabhaidh  iad  an  deidh 
dhaibh  New  Zealand  fh^gail,  stoirm  a  theab 
an  Terra  Nova  a  chux  do'n  ghrinneal.  Chan 
'eil  mi  a'  ciallachadh  gu'n  deachaidh  ctiisean 
'n  an  aghaidh  gu  buileach  ;  chan  'eil  idir, 
oir  rinn  iad  obair  rohor  agus  obair  mhaith ; 
chruinnich  iad  eolas  agus  fiosrachadh  mu 
Thir  agus  mu  Chuan  an  t-sneachd  a  lionadh 
moran  leabhraichean,  eolas  a  bha  ur  do 
luchd-ealain  agus  do  luchd-sgil,  agus  a  tha 
nis  air  a  chunntas  fiachail.  Ach  an  drasd 
's  a  ris  bha  tubaistean  beaga  a'  tachairt 
dhaibh,  nach  robh  iad  a'  saoilsinn  gu'm 
b'fhiach  iad  a  bhi  bruidhhm  umpa  aig  an 
am,  ach  a  bha  'g  an  cumail  air  an  ais,  agus 
ann  an  reis  ri  uine  agus  ri  sid  cha  mhaith 
dhuit  leth-latha,  no  idir  idir  seachduin  a 
chall. 

Mar  tha  am  fear  a  sgriobh  leabhar  Eccles- 
iastes  ag  radh,  "  Chan  ann  do  na  daoine 
luath  tha  an  reis,  no  do  na  daoine  treun  an 
cath,  ach  tachraidh  am  agus  tuiteamas 
dhaibh  uile."  Aig  an  am  anns  an  robh 
Caiptean  Scott  a'  cothachadh  ri  droch  shid 
agus  ri  sneachd  ag  iarraidh  gu  Maide-cirin 
na  h-^irde  deas,  bha  Amundsen  agus  sgioba 
Lochlannach  air  a'  cheart  thurus.  Ach  ged 
nach  robh  Amundsen  agus  a  dhaoine  na 
b'fhearr  na  Scott  agus  a  dhaoine  fh^in  bha 
an  Sealbh  fabharach  riu  agus  dh'fhosgail 
e  rathad  reidh  romhpa.  Rainig  iad  an 
ceann-uidhe  air  an  t-seathamh  la  de  Decem- 
ber agus  thill  iad  air  an  ais  gun  duine  a  chall, 
an  deidh  dhaibh  bratach  Lochlainn  a  chur 
suas  air  slat-chaoil. 

Cha  do  r^inig  Scott  agus  a  chompanaich 
gus  an  t-seachdamh  la  deug  de  lanuari, 
la  a  bha  a'  ghaoth  cho  ard  agus  cho  biorach, 
agus  am  fuachd  cho  searbh,  's  gu'n  do  reoth 
an  sronan  agus  "an  lamhan  ged  bha  iad  air 
an  deagh  chomhdach. 

Ach  ged  bha  Amundsen  air  thoiseach  orra, 
chan  ann  air  Amundsen  no  Shackleton  a 
chuimhnicheas  daoine  an  diugh  an  tiair  a 
bhios  iad  a'  bruidhinn  air  an  Antarctic  ach 
air  Caiptean  Scott,  oir  is  e  an  obair  chtiramach 
a  rinn  esan  fad  d^  gheamhradh  air  beanntan 
an  t-sneachd  a  thug  do  chach  eolas  a  bha 
feumail  dhaibh.  Ma's  maith  mo  chuimhne 
bu  shuarach  an  t-astar  a  bha  eadar  an 
rathad  a  ghabh  Amundsen  agus  an  rathad 
a  ghabh  Scott  gu  muUach  na  h-airde-deas, 
ach  ged  thachair  deagh  shid  air  Amundsen 
agus  a  bha  Dia  fabharach  ris,  dhealbh  e 
inneal-bais  an  aghaidh  ch^ich,  gaoth  gharg, 
agus  cur  sneachd,  agus  tiugh-dhorchadas, 
agus  clach-mheallain.  Sin  agad  mar  tha  ar 
beatha ;     dithis    dhaoine    air    a'    mhachair, 


NA  H-AINGLEAN— 


aon  diubh  air  a  ghabhail  agus  am  fear  eile 
air  fhagaU. 

Pailliun  dnrachdach 

An  uair  a  bha  Scott  agus  a  chompanaich 
mar  aona  mhile  deug  do'n  phollaig  anns  an 
d'  fh^g  iad  tunna  bidh  a  bhiodh  romhpa 
air  an  tilleadh,  sheid  doinionn  eagallach  le 
cur  agus  cathadh  sneachd  a  mhair  naoi 
laithean.  Chuir  am.  fuachd  agus  an  t-acras 
crioch  orra,  agus  naoi  miosan  'n  a  dheidh 
sin  fhuair  an  fheadhainn  a  chaidh  a  mach 
'g  an  siubhal  an  cuirp  fo'n  chanabhas,  air 
a  thiodhlacadh  fo'n  t-sneachd. 

So  an  litir  mu  dheireadh  a  sgriobh  Eideard 
Wilson  dhachaidJi  (tha  mi  cinnteach  gur 
h-aithne  dhuibh  uile  na  facail  mu  dheireadh 
a  sgriobh  Scott). 

"  A  bhean  ghaolach, 

0  chionn  sheachduinean  cha  do  sgriobh 
mi  dad  'n  am  leabhar-la,  oir  tha  ciiisean 
air  dol  'n  ar  n-aghaidh,  is  chan  'eil  e  furasda 


dhomh  sgriobhadh.  Tha  an  aimsir  searbh  ; 
tha  Scott  'n  a  shineadh  agus  a  chasan  reota. 
Tha  Bowers  agus  mise  a'  dol  a  dh'fheuchainn 
ri  cothachadh  ris  an  stoirm  feuch  an  ruig 
sinn  a'  Phollag  anns  am  bbeil  am  biadh. 
Tha  amharus  agam  gu'n  tuit  mi  agus  gu'n 
caidil  mi  anns  an  t-siieachd.  Ach  cum 
thusa,  a  luaidh,  do  chridhe  agus  do  mhisneach 
suas.  Dia  a  bhi  maUle  riut  an  uair  a  bhios 
mise  air  falbh.  Coinnichidh  sinn  fhathast, 
oir  mar  tha  ar  gaol  do  chach  a  cheile  laidir 
agus  mUis  tha  ar  gaol  do  Dhia  laidir  cuid- 
eachd.  Thug  sinn  oidhirp  air  nithean  mora 
a  dheanamh,  ach  ged  nach  teid  againn  air 
ar  beatha  a  thoirt  as  an  tir  so,  rainig  sinn 
ar  ceann-uidhe,  agus  chan  'eU  aithreachas 
orm  ach  a  mhain  gu'm  bi  thusa,  a  luaidh, 
'g  am  ionndrainn  agus  gu'm  bi  thu  fo  bhron 
an  uair  a  bu  mhaith  leam  thu  bhi  sona. 
Beannachd  leat,  a  luaidh,  tha  mo  ghaol 
dhuit  'n  a  theine  bed  'n  am  chridhe." 


Na  h-ainglean 


Cuideachd  mhor  a  dh'  armailtean  n^imh,  a' 
moladh  Dhe 

A  THAOBH  nan  ainglean  tha  a'  mhor-chuid 
de  dhaoine  an  diugh  mar  bha  na  Sadusaich 
nach  robh  a'  creidsinn  gu  bheil  aingeal  no 
spiorad  ann.  Tha  iad  a'  smuaineachadh 
umpa  mar  bhios  iad  a'  smuaineachadh  air 
na  sithichean,  nach  'eil  annta  ach  creideamh 
boidheach  leanabail  a  bha  aig  daoine  ann  an 
6g-mhaduinn  an  t-saoghail,  ach  as  a  bheil 
iad  a  nis  air  tks  a  mach  mar  a  dh'fhasas 
balaich  a  mach  as  an  aodach.  Tha  iad 
cinnteach  gu'n  do  chuir  an  sgoil  agus  luchd- 
ealain  agus  Mathematics  crioch  air  na  h- 
ainglean  mar  a  chuireas  eirigh  na  greine 
crioch  air  dorchadas  na  h-oidhche.  Ach 
CQ  aige  a  tha  fhios  nac]|.  bi  an  stiilean  fhein 
air  am  fosgladh  fhathast  agus  nach  bi  cho 
beag  fiamh  orra  roimh  'n  fhacal  Aingeal 
's  a  tha  aca  roimh  na  facail  Tangent,  Co- 
secant, Cosine  ? — ^facail  a  tha  dhomhsa  mar 
fhaoin-sgeul  (ged  nach  'eil  mi  uile  gu  leir 
gun  ttir)  ach  a  tha  dhaibh-san  naomh  a 
chionn  gu  bheil  iad  air  an  treorachadh  led 
a  dh'  ionnsuidh  na  firinn.  Chan  'eil  de 
mhughadh  eadar  na  h-Ainglean  agus  Mathe- 
matics ach  gu'n  toir  creideamh  anns  na  h- 
ainglean  gu  Dia  thu,  Cruithear  neimh  agus 
na  talmhainn  agus  gu'n  toir  creideamh 
ann  am  Mathematics  a  dh'  ionnsuidh  na 
firinn  thu,  an  fhirinn  thioram  agus  lom. 

Anns  a'  Choncordance  a  bhios  mise  ag 
uisneachadh  tha  Aingeal  no  Ainglean  air 
an  ainmeachadh  corr  agus  da  cheud  agus 
ceithir  fichead  uair,  agus  ged  nach  'eil  mi  a' 


tuigsinn  no  a'  leth-thuigsinn  na  tha  am 
BiobuU  ag  radh  umpa  tha  mi  a'  creidsinn 
nach  do  sgriobh  na  daoine  naomh  a  sgriobh 
am  BiobuU  aon  fhacal  nach  robh  air  a  thoirt 
dhaibh  le  spiorad  naomh  an  Tighearna  a  bha 
'g  a  fhoillseachadh  fein  dhaibh.  Mar  sin 
cha  bhiodh  ainglean  air  an  ainmeachadh  da 
cheud  agus  ceithir  fichead  uair  anns  a' 
Bhiobull  mur  biodh  iad  ann^  agus  mur  biodh 
iad  da-rireadh  'n  an  spioradan  -  frithealaidh 
do  Dhia  anns  an  fhoillseachadh  a  tha  e 
a'  deanamh  air  fhein  troimh  na  Hnntean. 

An  riochd  duine 

Chan  'eil  iomradh  anns  a'  Bhiobull  gu'n 
do  chruthaich  Dia  ainglean,  agus  cha  mho 
a  tha  iad  air  an  samhlachadh  mar  chreutair- 
ean  air  a  bheil  sgiathan  ged  bhios  na  baird 
agus  na  dealbhadairean  a'  cur  sgiathan  orra, 
agus  ged  bha  sgiathan  air  na  seraphim  a 
chunnaic  Isaiah  anns  an  teampuU.  Ach 
cha  robh  an  sin  ach  sealladh,  no  taisbeanadh, 
a  dh'fhiosraich  e  'n  a  inntinn  fhein.  Mar 
is  trice  tha  ainglean  air  an  riochdachadh 
mar  dhaoine  agus  tha  fhios  againn  gle 
m-haith  gu'n  d'  thainig  spioradan-frith- 
ealaidh  Dhe  thugainn  ^air  tiairean  ann  an 
riochd  duine,  duine  glic  agus  bl^th  aig  an 
robh  co-fhaireachduijm  ruinn  'n  ar  n- 
anmhuinneachd.  Tha  na  h-ainglean  air 
labhairt  umpa  anns  an  t-Seann  Tiomnadh 
mar  gu'n  labhradh  tu  mu  dhuine,  a'  cois- 
eachd,  a'  bruidhinn,  a'  breith  air  laimh  air 
daoine,  ag  itheadh  agus  ag  61.  Ged  nach 
'efl  am  Biobull  'g  a  radh  air  a  cheann  tha 


6   ' 


A'  BHAN-PHRIONNSA  AGUS  AN  GUILBNEACH 


e  coltach  gur  e  an  t-aingeal  fhein  a'  bhruich 
air  a'  ghriosaich,  a'  bhreacag  a  thug  e  do 
Eliah.     No  an  e  ise  a  bh'ann  ? 

Ach  is  e  an  t-aingeal  as  trice  a  thachras 
ort  anns  a'  Bhiobull  "  aingeal  an  Tigh- 
earna."  Tlia  e  duilich  an  da  rud  a  chumail 
dealaichte,  teachdaire  an  Tighearna  ann  an 
riochd  duine,  agus  teachdaire  an  Tighearna 
ann  an  riochd  creutair  neamhaidh  (cho 
duilich  's  nach  gabh  e  deanamh)  ach  an  uair 
a  leughas  tu  rud  mar  so,  "  Thubhairt  aingfeal 
an  Tighearna  ri  la  cob  ann  an  aisling,  Is  mise 
Dia  Bheteil,  far  an  do  bhoidich  thu  dhomh 
boid,  imich  as  an  tir  so,  agus  pill  gu  tir  do 
dhilsean,"  tuigidh"  tu  gur  e  aingeal  an 
Tighearna  Dia  fhein,  Dia  'g  a  fhoillseachadh 
fhein  agus  a'  labhairt  ri  daoine  ann  am 
bruadar,  no  ann  an  taisbeanadh,  no  ann  an 
aon  de  na  doighean  eile  anns  an  d'fhoillsich 
e  e  fein  do'n  t-saoghal  roimh  theachd 
Chriosd. 

Feachd  neimh 

Tha  seorsa  eile  a  dh'ainglean  a'  tachairt 
oirnn  anns  a'  Bhiobull,  do  nach  'eil  e  furasda 
ainm  no  coslas  no  cumadh,  a  thabhairt ; 
ciiirteirean  neimh,  gillean-frithealaidh  leho- 
vah,  airmailtean  naomh  a  ni  a  thoil.  Tha 
iad  so  air  an  ainmeachadh  los  gu'm  faiccadh 
agus  gu'n  tuigeadh  daoine  oirdhearcas  agus 
cumhachd  agus  morachd  agus  gloir  an  Ti 
Naoimh  air  a  Chaithir  Rioghail. 

Chan  'eil  co-ionannachd  air  neamh  na's 
mo  na  tha  air  thalamh  ;  tha  ainglean  agus 
ard-ainglean  ann.  Gabriel  agus  Michael  agus 
feachd  gun  ainm,  ach  co  dhiubh  a  tha  iad 
ann  an  sreath  iosal  no  anns  an  t-sreath  as 
^irde,  tha  fhios  aca  gu  bheil  iad  cho  fada 
gearr  air  Dia  ann  an  naomhachd  's  gu'n 
crom  iad  an  cinn  agus  gu'm  folaich  iad  an 
gnuis  'n  a  lathair.  Naomh,  naomh,  naomh, 
tha  an  Dia  a  chruthaich  sinn  agus  a  shaor 
sinn  ;  tha  neamh  agus  an  talamh  uile  Ian 
d'a  ghloir. 

M'an  sguir  mi,  bu  mhaith  leam  an  aon 
fhacal  so  a  radh,  chan  ann  o  ughdarras  a' 
Bhiobuill  ach  o  m'  fhiosrachadh  agus  o  m' 
fhaireachduin  fhein,  gur  e  na  nithean  a 
chum  creideamh  anns  na  h-ainglean  bco  ann 
am  chridhe,  na  neoil,  na  reultan,  agus  mo 
mh^thair  ;  ainglean  nan  speur  agus  aingeal 
an  teallaich.  Ma  tha  e  leanabail  do  dhuine 
a    bhi    creidsinn   ann   an   ainglean   tha    mi 


fhathast  cho  leanabail  's  a  bha  mi  'n  am 
sheachd  bliadhna  agus  chan'eU  de  Mhathe- 
matics  ann  an  ceann  Einstein  na  dheanadh 
Sadusach  dhiom. 


Ma  tha  thu  eolach  anns  a'  Bhiobull  theid 
agad  air  na  ceistean  so  a  fhreagairt. 

1.  Gu  de  thuirt  an  t-aingeal  ri  Peadar  an 

oidhche  a  thug  e  mach  as  a'  phriosan 
e  ?  Agus  gu  de  thuirt  Peadar  an  uair 
a  thainig  e  'g  a  ionnsuidh  fhein  ? 

2.  Co  an  t-aingeal  a  rinn  deasboireachd  ri 

Satan  agus  a  chathaich  'n  a  aghaidh  ? 

•  3.  Co  r is  a  thuirt  aingeal  Dhe,  Gabh  an 
fheoil  agus  na  breacagan  neo-ghoir- 
tichte,  agus  cuir  iad  air  a'  charraig  so, 
agus  taom  a  mach  an  siigh  ? 

4.  Gu  de  an  coslas  a  bha  air  an  aingeajl  a 

charuich  a'  chlach  o  dhorus  na  h- 
uaighe  air  maduinn  na  h-aiseirigh  ? 

5.  Co  ris  a  thuirt  aingeal,  Tha  an  Tighearna 

maille  riut,   a   dhuine   threin  ann  an 

neart  ? 

6.  C'aite    an    robh    Pol    an   uair   a   thuirt 

aingeal  Dhe  ris,  A  Phoil,  na  biodh 
eagal   ort  ? 

7.  Gu  de  na  turusan  air  an  an  do  chuir 

Dia  an  t-aingeal  Gabriel  ? 

8.  Co  na  boirionnaich  d'an  d'  innis  aingeal 

gu'm  biodh  leanabh  mic  aca  ? 

9.  C'aite  a  bheil  e  sgriobhta,  Bheir  e  aithne 

d'a  ainglibh  mu  d'  thimchioll  ? 

10.  C'uin  agu-i  c'aite  a  fhritheil  ainglean  do 

Chriosd  ?  Agus  co  ris  a  thubhairt 
Criosd,  'Na  dheidh  so  chi  sibh  neamh 
fosgailte  agus  ainglean  Dhe  a'  dol  suas 
agus  a'  teachd  a  nuas  air  Mac  an 
duine  ?  • 

11.  Ciod  an  sgeul  o'n  talamh  a  bheir  aoibh- 

neas  do  na  h-ainglean  air  neamh  ? 

12.  Ma    thuirt    aingeal     an     Tighearna     ri 

Philip,  Eirich  agus  imich  .chum  na 
h-airde  deas,  agus  ma  tha  am  facal 
a  la-bhrjodh  le  ainglean  seasmhach 
nach  'eil  an  t-am  againne  ann  an 
eaglais  na  h-Alba  aithne  Chriosd  a 
ghabhail  gu  cridhe  agus  an'  soisgeul 
a  shearmonachadh  anns  gach  tir. 


A'  bhan-Phrionnsa  agus  an  guilbneach 


GED  a  chunnaic  mi  a'  bhana»Phrionnsa 
Ealasaid  an  uair  a  bha  i  ann  an  Dun-eideann 
o  chionn  ghoirid,  cha  chuala  mi  i  a'  bruidhinn. 


ach  tha  iad  ag  rcidh  nach  bi  i  ua-r  air  bith 
a'  leughadh  oraidean  a  bha  air  an  sgriobhadh 
le  seirbhisich  no  cleirich  a  h-athar  agus  air 


AIG  AN  UINKEIG 


an  cur  'n  a  laimh,  ach  gxi'm  bi  i  a'  bruidhinn 
as  a  ceann  fhein  agus  'n  a  cainnt  fhein.  Tha 
so  furasda  a  chreidsinn,  oir  ann  an  te  de  na 
h-6raidean  beaga  laghach  a  thug  i  seachad 
thaihig  i  thairis  air  an  toileachadh  a  bheir- 
eadh  guileag  thiamhaidh  a'  ghuilbnich  dhi 
air  an  t-sliabh.  Tha  eun  no  dha  aig  a  bheil 
guileag  thiamhaidh  air  an  t-sliabh,  ach  chan 
'eil  gin  eile  a  dh'  fhanas  an  guileag  aca  cho 
fada  'n  ad  chluais  agus  'n  ad  chridhe  ri 
glaodh  muladach  a'  ghuilbnich,  no  na 
cnotaig  mar  a  theirear  rithe  ann  an  cuid  a 
dh'aitean.  Ann  an  eilean  Samoa  air  taobh 
thall  an  t-saoghail,  far  an  robh  faile  blath 
is  ciibhraidh  na  Pacific  'g  a  chur  'n  a  chadal, 
bhiodh  R.  L.  Stevenson  'n  a  bhruadair  a' 
dol  air  ais  a  dh'  Albainn,  a'  cluinntinn  guileag 
thiamhadh  a'  ghuilbnich,  agus  a'  faireach- 
duinn  gaoth  ghlan  a'  mhonaidh  air  aodann, 
"  An  sin  dhiiisg  mi  agus  bha  fhios  agam  gu'm 
bu  bhruadar  a  bha  ann." 

Sgriobh  Albannach  eile,  duine  a  b'fhearr 
agus  a  bu  ghaolaiche  na  R.  L.  Stevesnon, 
Raibeart  Burns,  "  Gach  uair  a  chluinneas 
mi  fead  a'  ghuilbnich  air  la  samhraidh,  no 
sgiathalaich  is  feadaireachd  buaile  fheadagan 
air  maduinn  Fhoghair,  tha  m'anam  a'  leum 
an  taobh  a  stigh  dhiom  mar  gu'm  biodh 
e  air  a  sheideadh  suas  le  teine  beo  na 
b^rdachd." 

Gu  ma  fada  a  bhios  an  guilbneach  a'  toirt 
solais  do  nighean  an  righ  an  uair  a  bhios 
i  fhein  agus  JVtghr  Mount  batten  a'  teicheadh 
air  falbh  o'n  chuideachd  eile  am  Baile- 
mhoireil,  a  dhol  suas  do'n  mhonadh  a  dh', 
eisdeachd  ris  na  h-eoin,  agus  a'  bruidhinn  ri 
cheile  anns  a'  chainnt  as  sine  air  an  t- 
saoghal,  cainnt  a  tha  aig  na  h-eoin  cho  math 
ris  na  daoine. 

Anns  an  duthaich  bheannaichte  so  tha 
am   monadh   agus   am   margadh   dltith   d'a 


cheile ;  ann  an  uine  ghoirid  f aodaidh  tu 
margadh  an  t-salainn  agus  iipraid  an  t- 
saoghail  fhagail  agus  a  bhi  leat  fhein  air  a' 
bheinn  no  air  an  t-sliabh  no  air  a'  mhonadh, 
cho  onrachdach  's  ged  nach  biodh  duine  eile 
anns  an  t-saoghal  ach  thu  fhein.  Chan  'eil 
agad  ach  mile  no  dha  a  choiseachd,  no  coig 
ceud  troigh  a  dhireadh,  is  tha  thu  ann  am 
Parras,  far  am  faod  thu  guth  do  Chruitheir 
a  chluinntinn,  chan  ann  a  mh^in  ann  am 
fionnarachd  an  fheasgair  ach  air  a'  mheadhon- 
1^.  Tha  gaol  aig  cuid  de  dhaoine  air  samh- 
char  agus  onrachdas  a  chionn  gu'n  toir  e 
dhaibh  cothrom  air  smuaineachadh,  ach  tha 
gaol  aig  daoine  eile  air  a  bhi  ann  an  cuideachd 
dhaoine,  a  chionn  gu'n  ciim  e  iad  o  bhi  a' 
smuaineachadh . 

Tha  e  maith  do  dhuine  leigeil  'n  a  shineadh 
air  a  dhruim  air  an  talamh  gus  am  fairich 
e  gur  ann  as  an  talamh  a  th^inig  e,  agus  gur 
ann  de  chuideachd  nan  creutairean  eile  a 
tha  e.  Tha  sinn  a'  deanamh  uaill  as  an 
tighearnas  a  tha  aig  mac  an  duine  thairis 
air  na  creutairean  a  smachdaich  e  agus  a 
cheannsaich  e  gu  buannachd  dha  fhein. 
Ach  CO  aige  tha  fhios  ciod  a  tha  ann  an 
ceann  eich  ?  No  ciod  a  tha  mart  a'  cnuas- 
achadh  air  an  uair  a  bhios  i  a'  cnamh  a  cir. 
Ged  nach  urrainn  cii  Laideann  a  sgriobhadh 
(ach  a  mhain  Laideann  nan  con)  theid  aige 
air  rudan  eile  e  dheanamh  a  tha  os  cionn 
ar  n-eolais-ne  agus  ar  tuigse.  Tha  buadhan 
aige  as  airde  na  gin  a  tha  againne  ach  tha 
an  d^  sheorsa  bhuadhan  de'n  aon  ghne, 
air  chor  agus  gur  braithrean  sinn  uile,  clann 
an  aon  Athar,  a'  tarruing  ar  beatha  agus  ar, 
solais  as  an  aon  tobar.  Bu  bheag  a  shaoil 
an  guilbneach  ud  gu'n  rachadh  fuaim  a 
feadaireachd  a  mach  air  feadh  na  tire  uile, 
agus  gu'm  biodh  nighean  an  righ  a'  cuimh- 
neachadh  oirre  air  sr^idean  cruaidh  Dhtm- 
eideann. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  D.  I.  MacDhonnchaidh. 

CHAOCHAIL  am  ministear  dileas  agus  an 
duine  laghach  so  ann  am  meadhon  an  t- 
samhraidh.  Rugadh  e  an  sgir  an  t-Sratha 
's  an  Eilean  Sgitheanach  ;  bha  e  air  oilean- 
achadh  an  Oilthigh  Ghlaschu,  agus  an  deidh 
dha  a  bhi  greis  'n  a  fhear-cuideachaidh  an 
Cill-Bhrianain,  an  Inbhir-gharaidh,  an 
Ceann-Ghearrloch,  agus  an  Alexandria,  bha 
e  air  a  shuidheachadh  ann  an  Ditira  an  1903, 
far  an  do  chriochnaich  e  a  mhinistrealachd 
agus  a  l^ithean.  Cha  chuala  mi  riamh  gu 
robh  iarraidh  aige  air  Diiira  fhagail.  Bha 
e  tri  fichead  's  a  seachd  deug. 

Aig  aon  am  bha  Ditira  'n  a  sgir  mhor  ; 
aireamh    mhor    a    dh'eileanan    innte,    agus 


daoine  ann  an  naoi  dhiubh  ;  Sgarba,  Col- 
bhasa,  Lunga,  Giogha,  Cara,  na  h-Eileacha 
naomh.  Anns  na  h-eileanan  sin  tha  iomadh 
cuimhneachan  air  Calum-cille  ri  fhaicinn 
agus  ri  chluinntinn  fhathast,  agus  tha  e  air 
a  radh  gur  ann  air  Eileacha  Naomh.  a  tha  a 
mh^thair  tiodhlaichte.  Cha  robh  sgir  Cholb- 
hasa  air  a  dealachadh  ri  Ditira  gu  1861. 
Ged  tha  He  mor  maith  tha  muinntir  He  an 
eisiomail  Dhiura,  oir  is  e  beanntan  Dhiura 
a  tha  cur  maise  air  He.  0  thaobh  no  dhk 
thig  iad  ort  mar  gu'm  b'ann  do  He  a  bhuin- 
eadh  iad. 
Ceithir  duine  deug  teaghlaich 

Anns  an  aon  1^  o  chionn  ghoirid  chunnaic 
mi   d^  rud   anns   na   paipearan-naidheachd 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


(chan  ann  's  an  aon  phaipear  a  bha  iad)  as 
fhiach  an  cur  sios  aix  an  duilleig  so  taobh 
ri  taobh — (1)  iomradh  air  duine  a  dh'fhag 
cuid  mhaith  airgid  ach  a  shiubhail  gun  a 
thiomnadh  a  dheanamh.  Cha  robh  bean 
no  teaghlach  aige,  agus  ma  b'fhior  na  bha 
anns  a'  phaipear  bha  e  gu  maith  onrachdach, 
oir  chuir  e  fhein  agus  a  dhaimhich  a  mach 
air  a  cheile,  agus  cha  robh  dol  no  tighinn 
eatorra.  Ach  a  cheart  cho  luath  's  a' 
thoisich  laghaireachd  nau'n  tiomnadh 
thainig  ceitMr  deug  dhiubh  am  follais,  a' 
tagradh  cairdeis  ri  duine  ris  nach  do  bhruidh- 
inn  cuid  dhiubh  riamh  ;  (2)  iomradh  air 
croitear  ann  an  Torr  an  Eas  an  Srath  Fhari- 
gaig  aig  a  bheil  ceithir  deug  de  chloinn,  a' 
chuid  mhor  dhiubh  fhathast  anns  an  sgoil. 
Bha  dealbh  an  teaghlaich  so  anns  a'  phaipear, 
clann  ghrinn  air  a  bheil  coslas  na  slainte, 
agus  am  parantan  a'  sealltainn  cho  ogail 
's  nach  cuireadh  e  ionghnadh  ort  ged  bhiodh 
ceithir  no  coig  eile  aca  fhatliast. 

Tha  an  teaghlach  uile  slan  fallain  ;  cha 
robh  dragh  air  bith  aca  mu  chowpons  ann  am 
bliadhnachan  a'  chogaidh  oir  bha  iad  a' 
toirt  cuid  mhaith  d'am  biadh  as  a'  chroit, 
bainne  agus  im  agus  uachdar  agus  uibhean 
agus  buntata.  Ach  cha  robh  e  cho  furasda 
dhaibh  a'  chlann  a  chumail  ann  an  aodach 
agus  ann  am  brogan  an  uair  a  bha  na  coupons 
gann  agus  nach  maireadh  aodach  no  brogan 
leth  na  h-uine  a  b'abhaist  dhaibh  marsainn. 

Co  as  buannachdaile  do'n  diithaich  am 
fear  a  rinn  an  t-airgiod  no  a'  charaid  a  thog 
ceithir  deug  de  chloinn,  naoi  balaich  agus 
coig  caileagan  ?  Tha  triuif  de  na  gillean 
cheana  ag  oibreachadh  le  tuathanaich,  tha 
te  de  na  nigheanan  posda,  tha  te  eile  a' 
cuideachadh  a  h-athar  anns  an  tigh-phos- 
tachd  a  tha  aige  a  thuilleadh  air  a'  chroit, 
agiis  tha  an  corr  's  an  sgoil.  Is  beag  a 
leigeas  togail  a'  bhuntata  a  leas  ctiram  a 
chur  air  an  duine  so  aig  a  bheil  sgioba  dha 
fhein  as  fhearr  na  Polaich. 
Mo  thruaigh  'n  tir  's  an  cinn  na  daoine  gann, 
Ged  's  maith  an  t-or,  is  suarach  or  seach  clann. 

Mathair  Raibeart  Burns 

Ged  tha  tomhas  reusonta  a  dh'  eolas- 
leughaidh  agam  air  beatha  agus  bardachd 
Raibeart  Burns  chan  'eil  eolas-sgoilear  agam 
orra,  agus  na'n  robh  e  air  fhoighneachd 
dhiom  an  de  cha  b'urrainn  dhomh  ainm  a 
mhathar  innseadh  dhuit,  no  c'aite  a  bheil 
i  air  a  tiodhlacadh.  Ach  an  diugh  chaidh 
mi  steach  do'n  chladh  a  tha  mu'n  cuairt  air 
eaglais  Bholton,  an  Loudie,  mar  mhile  gu 
leth  do'n  tigh  agam,  a  sheanchas  ris  an  fhear 
a  bha  a'  gearradh  an  fheoir,  agus  am  measg 
gach  rud  eile  air  an  d 'thainig  e  thairis 
thuirt  e  gur  ann  anns  a'  chladh  ud  a  bha 


mathair  Raibeart  Burns  air  a  tiodhlacadh. 

Sheall  mi  air  a'  chloich  a  tha  os  cionu 
na  h-uaighe  agus  so  an  sgriobhadh  a  tha 
oirre  : 

Air  a  cur  suas  le 

Gilbeart  Burns,  B^illidh  am  Br^igh-a-Ghranndaich, 

Mar  chuimhneachan  air  a  chloinn  ; 

Iseabal  a  shiubhail  air  an  treas  1^  de  July  1815, 
'na  seachd  bliadhna  a  dh'  aois. 

Agnes,    a   shiubhail   air   a'    cheathramh   1^   deug   de 

September  1815, 

'n  a  coig  bliadhna  deug. 

Seonaid,  a  shiubhail  air  an  deicheamh  \k  fichead  de 

October  1816. 

'n  a  h-ochd  bliadhna  deug. 

Agus  mar  chuimhneachan  air  a  Mh&,thair, 
Agnes .  Bhrunach,    a   shiubhail   air   a'    cheathramh  la 
deug  de  lanuari  1820 
'n  a  ceithir  is  ceithir  fichead  a  dh'  aois. 

Agus  dithis  eile  d'a  chloinn, 
Sine,  a  shiubhail  air  a'  cheathramh  \k  de  lanuari  1827, 
'n  a  fichead  bliadhna  agus 

Iain,    a   shiubhail  .air   an  t-s^athamh  14  fichead   de 
Februari  1827 
'n  a  choig  bliadhna  fichead. 

Gilbeart  Burns,  ajQ  athair  a  shiubhail  air  an  ochdamh 

'  la  de  April  1827 

'n  a  thri  fichead  's  a  seachd,  agus 

Anabla,  a  phiuthar,  a  shiubhail  air  an  dara  \k  de'n 
Mh4rt  1832 
'n  a  tri  fichead  's  a  seachd. 

B'e  Gilbeart  Burns  brathair  a'  bhaird ; 
duine  gasda  a  bha  coibhneil  ri  dhaimhich, 
ach  mi-fhortanach  'na  theaghlach  fhein, 
oir  chaill  e  coignear  'n  an  oige,  gle  dltith 
d'a  cheile,  ach  's  e  b^s  a  mhic,  an  uair  a  bha 
e  deas  air  son  na  ministrealachd,  a'  bhuille 
bu  ghoirte  air  fa,d,  cho  goirt  's  gu'n  do  chuir 
i  crioch  air. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  chan  'eil  e61as- 
sgoilear  agam  air  beatha  Raibeart  Burns, 
ach  tha  e  'n  am  inntinn  nach  robh  ceangal 
eadar  e  fhein  agus  a  mliathair  ach  a  mh^in 
gu'n  do  rug  i  e.  Chan  'eil  cuimhne  agam 
gu'n  do  sgriobh  e  riamh  litir  chuice,  mar 
bhiodh  Carlyle  a'  sgriobhadh  gu  mh^thair 
fhein,  no  gu'm  biodh  e  a'  bruidhinn  uimpe, 
no  gu  bheil  i  air  a  h-ainmeachadh  ann  an 
gin  d'a  dhain. 

Bha  companas-inntinn  eadar  e  fhein  agus 
athair,  agus  is  ann  o  athair  a  thug  e  a 
thalantan,  ach  a  mh^in  a'  chuid  sin  dhiubh 
nach  robh  o  fhuil  no  o  fheoil  ach  o'n  teine 
bheo  a  tha  Dia  a  seideadh  far  an  ^Ul  leis. 

Dh'  fhag  Gilbeart  Burns  leth-cheud  not 
aig  Seisean  na  h-eaglais  am  Bolton  a  chumail 
na  h-uaighe  grinn  glan,  agus  tha  an  Seisean 
a'  coimhlionadh  gu  ciiramach  an  dleasdanas 
a  ghabh  iad  os  l^imh.  Tha  an  uaigh  agus 
a'  chlach  ann  an  ordugh  maith,  am  feur  air 
a  chumail  ge^rrte,  gun  luibheanach  no 
feanntag  ri  fhaieinn. 


Aireamh  ii 


1947 


Ar  n-aran  laitheil 

Thoir  dhuinn  o  la  gu  la  ar  n-aran  laitheil. — Lucas  xi.  3. 


THA  moran  dhaoine  an  diugh  an  dull  gur 
ann  ri  America  a  bu  choir  dhuinn  an  urnuigh 
so  a  chur  suas  agus  nach  ann  ri  Dia.  Chan 
'eU  Dia  ann  an  gin  d'an  smuaintean,  ach  tha 
am  biadh  agus  na  tha  ann  an  America  de 
bhiadh  'n  an  iiile  smuaintean.  Ach  air  cho 
innleachdach  's  'g  a  bheil  muinntir  America 
is  e  Dia  a  tha  a'  toirt  an  arain  laitheil  dhaibh 
fein,  agus  tha  iad  'n  a  eisiomail  mar  tha 
gach  neach  agus  gach  duthaich  air  an  t- 
saoghal. 

An  toiseach  an  Fhoghair  am  bliadhna 
bha  moran  bruidhne  am  measg  dhaoine 
agus  anns  an  paipearan-naidheachd  mu 
dhroch  shuidheachadh  na  rioghachd  ;  eagal 
orra  gu'm  feumamaid  ar  crios  a  theannachadh 
agus  deanamh  leis  na  bu  lugha  de  bhiadh. 
Ach  bha  an  t-sid  cho  maith  agus  na  h- 
achaidhean  cho  buidhe  aig  an  dearbh  am 
anns  am  bu  mhotha  ar  n -eagal  's  gu  robh 
e  furasda  dhuinn  ciod  a  bha  sinn  a'  leughadh 
's   a'    cluinntinn   a    dhichuimhneachadh. 

Cho  fada  's  is  aithne  dhuinn  tha  deagh 
bharr  air  feadh  an  t-saoghail  am  bliadhna, 
ach  CO  dhiubh  a  tha  e  trom  no  aotrum  is  e 
gliocas  agus  cumhachd  agus  feartan  Dhe  a 
thug  as  an  talamh  e,  agus  is  ann  dhasan 
bu  choir  dhuinn  buidheachas  agus  moladh 
a  thabhairt. 

Bha  am  BiobuU  air  a  sgriobhadh  le  daoine 
diadhaidh,  agus  ged  nach  biodh  ughdarras 
eUe  ann  ach  sin  fhein,  b'fhiach  dhuinn  na 
tha  iad  ag  radh  ann  mu  bhiadh  a  chumail 
air  chuimhne.  Tha  iad  ag  radh  gur  e  Dia 
a  tha  toirt  am  bidh  do  gach  feoil ;  gu  bhed 
e  a'  toirt  fas  air  na  luibhean  chum  seirbhis 
an  duine,  a'  toirt  arain  as  an  talamh  agus 
fion  a  ni  cridhe  an  duine  subhach.  Bha  na 
ceud  chreidmhich  ag  itheadh  am  bidh  le 
gairdeachas,  a'  moladh  Dhe,  ach  bithidh 
gu  leoir  de  clireidmhich  an  la  so  'g  a  itheadh 
gun  uiread  agus  altachadh  a  dheanamh, 
no  eadhon  an  comhdach-cinn  a  chur  dhiubh. 
Ach  bhiodh  e  na  bu  mhiosa  dhaibh  air  fad 
na'n  itheadh  iad  an  aran  'n  an  aonar  gun 
ghreim  a  thoirt  do'n  fheumach  no  do'n 
dilleachdan.  Ciod  a  theireadh  tu  ri  tuath- 
anach  mor  a  bha  air  a  chur  air  a  cha§an 
leis  a'   bharr  mhaith  a  thug  Dia  dha,  tri 


bliadhna  as  deidh  a  cheile,  agus  na  subsidies 
a  thug  a'  Pharlamaid  dha,  a  chaidh  do'n 
eaglais  ann  am  motor-car  a  chosd  coig  ceud, 
an  la  a  bha  seirbhis-bhuidheachais  aca  air 
son  an  Fhoghair,  agus  aig  deireadh  na 
seirbhis  a  chuir  da  thasdan  anns  an  tabhartas- 
bhuidheachais  do  Dhia  a  bha  an  coimhth- 
ional  a'  toirt  do  Dhachaidhean  Quarrier  ? 
Ciod  air  bith  a  theireadh  tusa  no  mise  ris 
theireadh  Criosd  ris,  Cia  deacair  dhaibhsan 
aig  a  bheil  saibhreas  dol  a  steach  do  riogh- 
achd Dhe !  Agus  theireadh  an  t-abstol 
Seumas  ris,  Ma  bhios  brathair  no  piuthar 
lomnochd,  agus  a  dh'uireasbhuidh  teachd- 
an-tir  laitheil,  agus  gu'n  abair  neach  agaibhse 
riu,  Imichibh  ann  an  sith ;  bithibh  air  bhur 
garadh  agus  air  bhur  s^suchadh,  gidheadh 
nach  toir  sibh  dhaibh  na  nithean  sin  a  tha 
feumail  do'n  chorp,  ciod  an  tairbhe  a  tha 
ann  ?  Tha  creideam.h,  mur  bi  oibre  aige, 
marbh,  air  dha  bhi  leis  fhein. 

Chan  'eil  da  rud  eUe  'n  ar  beatha-ne  as 
dluithe  a  tha  air  an  ceangal  ri  cheUe  na 
biadh  agus  airgiod,  no  as  trice  a  bhios  sinn 
a'  bruidhinn  umpa,  agus  is  e  suim  agus 
brigh  na  bruidhne  sin  daonnan  gu'm  bu 
mhaith  leinn  an  tuUleadh  dhiubh  a  bhi 
againn  fhein  agus  aig  daoine  cumanta  eile 
na  tha  againn.  Tha  ar  n-inntinn  agus 
innttnn  an  t-saoghail  uile  an  diugh  cho  fada 
an  falbh  o  inntinn  Chriosd  a  thaobh  airgid 
's  a  tha  an  and  an  iar  o'n  aird  an  ear  ;  cho 
dealaichte  o  Chriosd  's  gur  ion  do'n  Eaglais 
eagal  a  bhi  oirre  gu  bheU  i  a'  fiaradh  a  theag- 
aisg.  Cha  do  thachair  duine  riamh  orm, 
beartach  no  air  a  dheagh  dhoigh,  air  an  robh 
eagal  gu'n  cumadh  na  bha  aige  de'n  t- 
saoghal  e  o  Dhia  agus  o  neamh.  Agus  air 
an  laimh  eile  tha  daoine  bochd  agus  luchd- 
oibre  Ian  chinnteach  gu'm  biodh  iad  na  bu 
shona  agus  'n  an  daoine  a  b'fhearr  na'n 
robh  barrachd  airgid  aca.  Tha  sinne  a' 
smuaineachadh  air  a'  chomhfhurtachd  a 
bheireadh  airgiod  dhuinn,  ach  bha  Criosd 
a'  smuaineachadh  air  a'  chunnart  anns  an 
cuireadh  e  sinn. 

Anns  a'  BhiobuU  tha  an  da  fhacal 
"biadh"  agus  "  aran "  a'  ciallachrxlh  an 
aon  ni,  ach  is  e  "  aran  "  as  trice  a  tha  air 
uisneachadh,  a  chionn  gur  ann  air  a'  m.hin 


EILEAN  MO  GHAOIL 


a  bha  air  a  deanamh  de'n  t-siol  a  bha  a' 
fas  as  an  talamh  a  bha  na  h-Iudhaich  ann 
an  tomhas  mor  a'  tighinn  beo,  eorna,  agus 
cruithneachd,  agus  ponair,  agus  peasair. 
Cha  robh  iad  ag  itheadh  uiread  feola  ruinne, 
ach  air  uairean  an  am  cogaidh  bhiodh  iad 
a'  gearan  mar  a  bhios  sinn  fhein  gu  robh 
an  aran  air  a  thomhas  dhaibh  agus  air  a 
thruailleadh. 

A'  cheud  uair  a  tha  aran  air  ainmeachadh 
anns  a'  BhiobuU  tha  obair  air  ainmeachadh 
cuideachd,  "  Apa  f alius  do  ghniiise  ithidh 
tu  aran."  Biadh  agus  Obair,  chuir  Dia  a 
charaid  sin  comhla  o  thus  ;  "  an  ni  a  cheangal 
Dia  na  sgaoileadh  duine."  "  Thug  sinn 
an  aithne  so  dhuibh,"  tha  Pol  ag  radh, 
"  mur  aill  le  neach  obair  a  dheanamh,  gu'n 
e  dh'itheadh  bidh."  Aran  an  diomhanais 
an  t-aran  as  miosa  a  tha  ann,  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  cha  tig  a  diomhanas  ach 
gloine  fhiacal  agus  goinne  arain. 

Tha  Dia  a'  toirt  iomadh  seorsa  arain  d'a 
chloinn  air  thalamh,  agus  co  dhiubh  is  e 
aran  aoibhneis,  no  aran  airce,  no  aran  broin, 
a  tha  ann,  tha  iad  uile  maith  ma's  e  Dia 
a  dh'uUaich  air  ar  son  iad,  oir  chan  'eil  e  os 
cionn  a  chumhachd-san  milseachd  agus 
beathachadh  a  chur  ann  am  fiosrachadh 
searbh.  Ach  chan  e  Dia  a  tha  ag  ullachadh 
dhuinn  an  seorsa  arain  ris  an  abradh  Solamh 
aran  na  h-aingidheachd,  chan  ann  o  neamh 
a  tha  an  t-aran  sin  ach  o'n  chridhe  thru- 
aiUidh,  aran  air  a  bheil  bias  na  luaithre. 

Ach  ma  tha  an  t-aran  a  thig  as  an  talamh 
maith  tha  an  t-aran  a  thainig  a  nuas  o 
neamh  na's  fhearr ;    "  ma  dh'itheas  neach 


air  bith  an  t-aran  so  bithidh  e  beo  gu 
siorruidh."  Aran  na  beatha !  ciod  an  t- 
ainm  eile  as  freagarraiche  do'n  Dia-duine 
na  ainm  a  tha  a'  tathadh  ri  cheile  neamh 
agus  talamh,  an  t-anam  agus  an  corp,  agus 
'g  an  deanamh  'n  aon  chum  gloire  Dhe. 

Chan  ann  le  aran  a  mhain  a  bheathaichear 
an  duine  oir  tha  ni-eigin  anns  an  duine 
nach  buin  do'n  t-saoghal  so,  ni-eigin  nach 
gabh  sasuchadh  le  biadh  no  le  airgiod  ach 
le  Dia  a  mhain,  Dia  air  fhoillseachadh  ann 
an  Criosd,  am  Brathair  a  bha  cho  gaolach  agus 
cho  uasal  agus  cho  naomh  's  gu'm  faca 
daoine  gloir  Dhe  'n  a  aodann.  An  aithne 
dhuit  aon  duine  am  measg  do  luchd-eolais 
a  chuireas  Dia  'n  ad  chuimhne  ?  An  uair 
a  shealladh  daoine  air  Criosd  ann  an  laithean 
fheola  thigeadh  Dia  'n  an  cuimhne,  agus 
nuair  a  thig  Dia  'n  ar  cuimhne  bidh  ar  n- 
anam  fo  bhuaireas  gus  am  faic  sinn  e  ann 
an  Criosd.  Chan  'eil  anns  an  Dia  a  tha 
sinn  a'  faicinn  le  ar  n-inntinn  no  le  ar  tuigse 
(no  a'  saoilsinn  gu  bheil  sinn  'g  a  fhaicinn) 
ach  sgaile  no  faileas  nach  urrainn  dhuinn 
greimeachadh  air.  Is  ann  a  mhain  ann  an 
Criosd  a  tha  daoine  peacach  a'  faicinn 
seallaidh  air  Dia  a  bhriseas  agus  a  leighseas 
an  cridhe.  A  bhi  a'  smuaineachadh  air 
Criosd,  agus  a'  fantuinn  'n  a  chompanas, 
sin  aran  laitheil  an  anma. 

Buidheachas  do  Dhia  air  son  an  arain"  a 
thainig  as  an  talamh  am  bliadhna,  ach 
buidheachas  dha  gu  sonruichte  air  son  an 
arain  a  thainig  a  nuas  o  neamh,  aran,  ma 
dh'itheas  sinn  e,  a  bheir  beatha  dhuinn  a 
nis  agus  gu  siorruidh. 


Eilean  mo  ghaoil 

Eilean  mo  ghaoil 

Is  caomh  learn  eilean  mo  ghraidh. 


THA  ar  m^thair  ghaolach,  Breatunn,  an 
diugh  mar  bha  Pol  an  uair  a  sgriobh  e  gu 
eaglais  Chorint,  "  fo  amhghair  air  gach 
taobh  ;  an  leth  am  muigh  tha  comhraig, 
an  leth  a  stigh  tha  eagal," — eagal  gu  bheil 
an  rioghachd  a'  dol  air  a  h-ais,  agus  gu'm 
faod  i  tuiteam  o'n  inbhe  a  bha  aice  anns 
an  t-saoghal  o  chionn  nan  ceudan  bliadhna. 
B'  olc  an  airidh  gu'n  rachadh  Breatunn  sios, 
oir  a  dh'aindeoin  miorun  rioghachdan  eUe 
aig  a  bheil  farmad  rithe,  bhiodh  e  'na  chall 
do'n  t-saoghal  uile  na'n  cailleadh  i  a  h- 
tighdarras  agus  a  neart. 

Tha  na  rioghachdan  coltach  ris  na  daoine  ; 
tha  farmad  aig  each  ri  te  air  bith  eile  a  tha 
laidir  agus  mor  agus  soirbheachail.  Air 
uairean  bithidh  e  a'  cur  ionghnaidh  oirnn 


nach  'eil  barrachd  gaoil  aig  sluagh  na  h- 
Eorpa  air  Breatunn  na  tha  aca,  agus  sinn 
fhein  an  diiil  nach  do  rinn  sinn  eucoir  orra 
agus  nach  do  mheall  sinn  iad,  ach  is  e  aobhar 
an  gamhlais,  ann  an  tomhas  co  dhiubh,  gu 
bheil  Breatunn  mor  agus  beartach,  agus 
gu'n  do  shealbhaich  i  oighreachd  fharsuinn 
leis  a'  mhoch-eirigh  a  rinn  i  m'an  do  dhiiisg 
iad  fhein.  A  thuilleadh  air  sin "  tha  fhios 
aca  gu'm  faod  iad  coire  fhaotainn  do  Bhrea- 
tunn,  agus  rud  air  bith  a  thoilicheas  iad  a 
radh  uimpe,  gun  eagal  a  bhi  orra  gu'n 
tionndaidh  i  orra  le  feirg.  Ach  co  dhiubh 
a  tha  gaol  aca  air  Breatunn  no  nach  'eil 
cha  bu  mhaith  le'  rioghachdan  beaga  na 
Roinn  Eorpa  gu'n  cailleadh  i  a  h-aite  no 
a  cumhachd  anns  an  t-saoghal,  oir  tha  fhios 


EILEAN  MO  GHAOIL 


aca  gle  mhaith  gu  bheil  gaol  aice  air  sith,  agus 
air  ceartas,  agus  air  saorsa,  agus  gu'm  faod 
iad  earbsa  a  chur  'n  a  facal. 

Ged.  chaidh  Breatunn  air  seachran  air 
uairean  leis  a'  ghaol  a  tha  aig  ar  daoine  air 
airgiod,  agus  air  soghaltachd,  agus  air 
beatha  iosaidh-osaidh,  tha  coguis  chriosdaU 
daonnan  beo  ann  an  cridhe  an  t-sluaigh 
air  chor  agus  nach  leasg  led  am  maoin  agus 
am  beatha  a  chur  an  cunnart  a  sheasamh 
na  corach  agus  a  dhion  saorsa  dhaibh  fhein 
agus  d'an  coimhearsnaich.  Tha  fhios  aig 
an  t-saoghal  uile  nach  'eil  daoine  eile  air 
thalamh  as  diorrasaiche  na  Breatunn  an 
uair  a  ghabhas  i  'n  a  ceann  gu  bheil  eucoir 
no  lamhachas-laidir  'g  a  dheanamh  oirre 
fhein  no  ak  diithchannan  a  tha  ann  an  co- 
bheinn  rithe.  Ciod  air  bith  aite  anns  an 
Roinn-Eorpa  anns  an  tog  Fear-mUlidh  a 
cheann  is  ann  air  Parlamaid  Bhreatuinn 
agus  air  paipearan-naidheachd  Bhreatuinn 
a  sheallas  na  rioghachdan  beaga  an  toiseach 
a  dh'fhaicinn  ciod  a  tha  iadsan  ag  radh. 

Impireaehd  mhor. 

Bho  chioiin  bhliadhnachan  bha  e  air  a 
thUgeadh  air  Breatunn,  mar  gu'm  b'e  inisg 
a  bh'ann,  gu'n  do  sgaoil  i  a  sgiathan  thairis 
air  duthchanna  cein,  agus  gu'n  do  tharruing 
i  iad  a  steach  d'a  h-iompaireachd  fhein  mar 
nach  robh  annta  ach  leanaban  do  nach 
b'aithne  iad  fhein  a  riaghladh.  Ciod  eile 
a  bha  annta  ach  leanaban  a  thaobh  riagh- 
laidh  ?  No  c6  an  duthaich  anns  nach  do 
leig  i  leis  an  t-sluagh  dol  air  thigheadas 
dhaibh  fhein  an  uair  a  thainig  iad  gu  ire 
agus  a  rachadh  aca  air  an  tigh  fhein  a  chur 
an  ordugh. 

Chan  'eil  ann  am  facal  ach  facal  fhein  ;  chan 
'eil  ann  an  imperialism  Bhreatuinn  an 
diugh  ach  facal  gun  bhrigh  gun  chiall, 
hochdan  leis  am  bi  a  naimhdean  a'  feuchainn 
ri  eagal  roimhpe  a  chur  air  daoine  agus 
rioghachdan  eile.  Is  e  an  fhirinn  nach  e 
cron  ach  maith  a  rinn  riaghladh  Bhreatuinn 
do  na  h-uile  diithaich  anns  an  deachaidh 
i  riamh  a  steach,  agus  cha  mho  a  dh'fhan  i 
aimta  na  b'fhaide  na  bha  feum  aca  oirre. 
An  uair  a  theid  duine  air  cheiHdh,  air  cho 
furanach  's  'g  an  dean  muinntir  an  tighe  a 
bheatha,  is  maith  led  gu'm  bi  fhios  aige 
c'uin  is  coir  dha  falbh.  Sin  mar  tha  Breatunn 
agus  na  h-Innsean  an  Ear  an  diugh.  Tha 
Breatunn  a'  falbh  as  na  h-Innsibh  le  a  toil 
fhein  ;  a'  falbh  gu  h-uasal  ann  an  sith  is 
reite  ris  an  dtithaich  d'an  robh  i  'n  a  mathair- 
oide  o  chionn  da  cheud  bliadhna. 

Chan  'eil  ann  ach  an  fhirinn  lom  gu  bheU 
ealain-riaghlaidh  aig  Breatunn  nach  'eil 
aig  rioghachd  eile  fo'n  ghrein,  agus  gur  i  a 


thug  do  chach  Parlamaid  agus  pobullachd. 
Ma  tha  na  h-Innsean  agus  Burmah  agus  an 
Eiphit  an  diugh  comasach  air  seasamh  air 
an  casan  fhein,  a'  bhuidheachas  sin  do 
Bhreatunn  a  chuir  air  an  casan  iad.  Gun 
teagamh  bha  e  buannachdail  dhi  fhein  a 
bhi  'n  a  mathair-oide  do  na  duthehannan 
anns  an  robh  i  a'  riaghladh,  ach  bha  e 
buannachdail  dhaibhsan  cuideachd,  agus 
chan  aobhar-naire  e  do  dhuine  no  do  riogh- 
achd buannachd  fhaotainn  as  an  obair 
mhaith  a  tha  iad  a'  deanamh. 

Bannan  ura. 

Ach  is  e  an  rud  sonruichte  a  bu  mhaith 
leam  a  radh  air  an  duilleig  so,  nach  'eil 
aobhar  againn  a  bhi  fo  dhiobhaU  misnich, 
no  eagal  a  bhi  oirnn  gu  bheil  Breatunn  a' 
call  a  cumhachd  no  a  seasamh  am  fianuis 
an  t-saoghaU,  le  bhi  a'  leigeil  leis  na  diith- 
channan  a  bha  fo  a  riaghladh  dol  air  an  urra 
fhein,  ach  'n  a  aite  sin  gu  bheil  e  'n  a  chomh- 
arradh  air  a  gliocas  agus  air  an  earbsa  a  tha 
aice  ann  an  tiir  na  poblachd.  Bha  Breatunn 
mor  agus  laidir  m'an  deachaidh  i  riamh  do 
na  h-Innsibh  no  do'n  Eiphit,  agus  bidh  i 
naor  is  laidir  an  deidh  dhi  am'  fagail,  agus 
theagamh  gu'm  bi  bannan  ura  'g  a  tathadh 
fhein  agus  nan  Innsean  ri  cheile.  Chan  e 
margaidhean  no  malairt  nan  duthehannan 
sin  a  rinn  mor  i,  ach  a  gliocas  agus  a  misneach 
agus  a  ceartas  fhein,  innleachd-laimhe  a 
sluaigh,  an  gaol  a  tha  aca  air  saorsa  agus 
air  soirbheachadh,  agus  an  gaol  a  tha  aca 
air  a'  mhuir  agus  air  siubhal  an  t-saoghail. 

An  leth  a  stigh  tha  eagal. 

Tha  cho  beag  de  thalamh-aitich  ann  am 
Breatunn  's  nach  urrainn  dhuinn  ach  roinn 
bheag  d'ar  biadh  a  thoirt  as  an  talamh  agus 
feumaidh  sinn  biadh  a  cheannach  a  America 
agus  a  diithchannan  eile  aig  a  bheil  e  ri 
reic  ;  cruithneachd,  feoil,  ham,  caise.  Feum- 
aidh sinn  cuideachd  cotan  agus  petrol 
agus  iomadh  seorsa  acfhuinn  nach  'eil  againn 
fhein  a  cheannach  bhuapa  a  dheanamh  an 
aodaich  agus  an  obair-iaruinn  agus  a' 
bhathair  eile  a  bhios  sinn  a'  cur  thuca-san, 
a  phaigheadh  ar  fiachan.  Ann  am  bliadh 
nachan  a'  chogaidh  chosd  an  rioghachd  na 
bha  aice  a  dh' airgiod  air  a  chur  mu  seach 
air  chor  agus  gu  bheil  sporan  na  rioghachd 
an  diugh  falamh  cho  maith  ris  a'  ghiornalair. 
Chan  'eil  ann  ach  amaideas  a  bhi  ag  radh, 
mar  bhios  moran  dhaoine  ag  radh,  gu  bheil 
gu  leoir  a  dh'airgiod  ann  am  Breatunn.  Chan 
'eil  gu  leoir  a  dh'airgiod  am  Breatunn ; 
m'an  do  thoisich  an  cogadh  bha  Breatunn 
beartach  ach  an  diugh  tha  Breatunn  bochd, 
cho   bochd   's   gu'm   b'   fheudar   dhi   iasad 


ANNS  A'  CHATHAIR 


airgid  iarraidh  air  America  (mile  muillion). 
Ach  ruigidh  dail  dorus,  agus  f  eumar  America 
a  phaigheadh,  air  neo  ar  naire  a  chall. 

Clian  'eU  ach  da  dJioigh  aig  Breatunn  air 
i  fhein  a  thogail  as  an  t-slochd  anns  an  do 
thuit  i,  obair  agus  caomhnantaclid,  an 
sluagh  uile  a  biii  ag  obair  na's  dichiollaiche 
na  tha  iad  a'  deanamh,  agus  an  sluagh  uile 
a  bhi  na's  caomhnantaiche  air  airgiod  na 
tha  iad. 

Tha  an  rioghachd  a'  cur  a  mach  barrachd 
's  a  tha  i  a'  cosnadh,  ag  iarraidh  beo-shlaint 
shoghail  os  cionn  a  tighinn-a-steach.  Cha 
bhi  ach  aon  chrioch  aig  a  sin.  Ach  ann  an 
teanntachd  nan  laithean  so,  agus  leis  a' 
bhruidhinn  a  tha  dol  air  aghaidh  mu  chor 
na  diithcha,  chan  'eil  teagamh  nach  'eil 
daoine  ag  ionnsachadh  leasain  air  a  bheil 
feum  againn  uile,  agus  a'  faicinn  nach  ruig 
sinn  a  leas  dull  a  bhi  againn  gu'm  mair 
tuarasdail  mhora  agus  uairean  goirid  mur 
bheil  an  t-oibriche  a'  cur  barrachd  oibre 
as  a  dheidh  na  bha  e  a'  deanamh  roimhe. 
A  h-uUe  la  d'ad  bheatha  chi  thu  triiiir 
dhaoine  ag  oibreachadh  taobh  ri  taobh  air 
an  aon  tuarasdal ;  fear  dhiubh  as  fhiach  sia 
tasdain  deug,*  fear  as  fhiach  deich  tasdain, 
agus  fear  nach  fhiach  ach  mu  shia,  ma's 
fhiach  e  sin  fhein.  Ciamar  a  ghabhas  sin 
atharrachadh  no  a  cheartachadh,  chan 
aithne  dhomhsa,  agus  co  dhiubh  chan  e  mo 
ghnothuch  e. 

Chan  'eil  urras  air  bith  againn  gu'n 
gleidh  Breatunn  an  t-aite  a  choisinn  i  dhi 
fhein  anns  an  t-saoghal  ach  ann  an  gne 
agus  ann  an  ghocas  agus  ann  an  stuamachd 
an  t-sluaigh.  Is  eigin  gu'm  bi  gaotharain 
agus  leisgetnan  agus  siiil-sheirbhisich  ann, 
ach  mo  thruaighe  an  diithaich  anns  am  fas 


iad  lionmhor.  Tha  e  duUich  do  mhaigh- 
stirean  no  do  Pharlamaid  an  seorsa  sin  a 
dheanamh  riaghailteach  agus  dichioUach ; 
cha  ghabh  e  deanamh  mur  faic  iad  gu  bheil 
an  companaich  fhein   'g  an  diteadh. 

Chan  ann  aig  an  luchd-riaghlaidh  anns  a' 
Pharlamaid  a  tha  a'  choire  gu  bheU  biadh 
agus  aodach  agus  gual  agus  fiodh  agus 
bathar  eUe  gann  agus  daor  ;  sin  an  dileab 
a  dh'fhag  an  cogadh  againn.  Ach  bhiodh 
e  'n  a  chilis -dhitidh  dhaibh  mur  faigh  iad 
dealbh  ann  an  iiine  reusonta  air  barrachd 
guail  a  thoirt  dhuinn.  Is  bochd  an  gnothuch 
Breatunn  a  bhi  gun  airgiod  agus  gual  gu 
leoir  aice  fo'n  talamh,  bataichean  gu  leoir 
a  bheireadh  thairis  e,  agus  iarraidh  gu  leoir 
air  agus  pris  mhaith  anns  gach  port  's  an 
t-saoghal. 

Ach  ged  tha  na  bliadhnachan  so  teann 
agus  cruaidh,  cha  leig  sinn  a  leas  eagal  a  bhi 
oirnn  gu'n  teid  Breatunn  sios,  no  gu'n 
caill  i  a  cliii  am  fianuis  an  t-saoghail.  An 
uair  a  thig  muinntir  Bhreatuinn  thuca 
fhein  tha  tiir,  agus  misneach,  agus  deanadas, 
agus  diorras,  agus  neo-eisiomaUeachd  annta, 
a  chumas  air  an  casan  iad. 
Eilean  mo  ghaoil, 
Is  caomh  ham  eilean  mo  ghraidh. 

"  Mar  sin  thug  an  saor  misneach  do'n 
6r-cheard  ;  esan  a  mhinicheas  leis  an  ord 
do'n  fhear  a  bhuaUeas  air  an  innein." — 
Isaiah  xli.  7. 

"  Obair  fhein  do  gach  neach." — Marc. 
xiii.  34. 

"  Thog  sinn  am  balla,  oir  bha  toil  aig  an 
t-sluagh  obair  a  dheanamh." — Neh.  iv.  6. 

"  Bi  misneachail,  agus  bitheamaid  gaisgeil 
air  son  ar  sluaigh,  agus  air  son  bhailtean 
ar  De. — II  Samuel  x.  12. 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  an  t-saoghal  mhiorbhuileach  so  chan 
'eil  rud  eile  cho  sith,  no  cho  diomhair,  no 
cho  do-thuigsinneach  ri  Gaol.  Thig  e,  gun 
fhios  cia  as,  agus  falbhaidh  e,  gun  fhios  car 
son.  Chan  'eil  duine  nach  d'fhairich  e, 
no  do  nach  aithne  e,  ach  chan  'eil  duine  air 
thalamh  as  urrainn  innseadh  gu  de  a  th'ann, 
CO  dhiubh  is  dia  no  deamhan  e,  oir  ma  bheir 
e  aon  duine  do  neamh,  cuiridh  e  duine  eile 
a  dh'ifreann.  Cuiridh  e  falach  air  moran 
pheacaidhean,  ach  is  e  fhein  mathair  an  dara 
leth  de  na  peacaidhean  air  am  bi  e  a'  cur 
falach.  Sgiiraidh  agus  glanaidh  agus  taisich- 
idh  e  aon  chridhe,  ach  ann  an  cridhe  eile 
cuiridh  e  searbhadas  agus  domblas.  Ach 
air  a  shon  sin  is  e  Gaol  an  rud  as  fhearr  agus 


as  maireannaiche  air  thalamh,  an  t-acair 
agus  an  dochas  cinnteach  a  tha  againn  gur 
laidire  Dia  na  Satan,  a  chionn  gur  gradh 
Dia. 


Cha  robh  caileag  an  CiUe-sgumain  a  bu 
ghrinne  'n  a  nadur,  agus  'n  a  pearsa,  agus  'n 
a  doighean  uUe,  na  Mairi  Ghreumach, 
nighean  a'  mhuilleir.  Ged  bha  a  h-athair 
air  ainmeachadh  air  a'  mhuUeann,  bha 
rudan  eile  anns  an  robh  lamh  aige  a  thuilleadh 
air  a'  mhuilleann ;  bha  croit  aige,  agus 
tigh-postachd,  agus  marsantachd-guail,  agus 
tigh-saorsainneachd.  Leig  e  dheth  a  bhi 
a'  cumail  shaor  ach  a  mhatn  aon  seann  duine 


ANNS  A'  CHATHAIR 


a  bhiodh  a'  deanamh  chisteachan-inairbh, 
agus  trealaich  blieag  eile  a  bhioclh  feumail 
dha  fheiji  no  do  na  coimhearsnaich.  Chuir 
e  sgomi  as  an  tigh-shaorsainneachd,  a 
ghleidheadh  ceithir  carbadan-uilidh,  agus 
eadar  a  bhi  toirt  sgoilearan  do'n  sgoil  agus 
a  bhi  dol  air  feadh  na  dtithcha  le  Inspectors 
o  Bhord  an  Fhearainn,  bha  na  caraichean 
aige  cho  trang  's  gu'm  feumadh  bean  a' 
bhancair  air  uairean  coiseachd  o'n  Station. 
An  uair  a  ghearaineadh  i  ris  a'  mhuilleir 
cha  deanadh  e  ach  an  ad  a  thoirt  dheth  agus 
a  bhathais  a  shuathadh  le  neapaicin-poca 
dearg,  ag  radh  le  guth  soluimte,  Priority, 
Madam,  Priority,  do'n  sgoil  agus  do  Bhord 
an  Fhearainn. 

Cha  robh  duine-cloinne  aig  a'  mhuilleir 
agus  aig  a  mhnaoi  ach  Mani,  nighean  cho 
laghach  agus  cho  boidheach  's  gu'n  cukeadh 
i  as  do  chuimhne  t-olcas  fhein  agus  olcas 
an  t-saoghail,  agus  gu'n  tugadh  i  ort  (gun 
aon  fhacal  a  radh)  toiseachadh  air  thu  fhein 
fhaicinn  mar  ghaisgeach  a'  dol  a  mach  air 
cheann  airm  a  thoii't  cobhair  agus  saorsa 
do  gach  creutair  lag  is  dibhdh  nach  urrainn 
iad  fhein  a  shaoradh  o  na  ceanglaichean  a 
chuireadh  orra.  Tha  an  seorsa  bhoirionnach 
sin  ann,  boirionnaich  a  thaii'gneas  a  mach 
asad  le  seaUtuinn  ort  gach  aigne  duineil  no 
glan  no  uasal  a  tha  'n  ad  chridhe,  aii'  chor 
agus  gu  bheil  iarraidh  agad  air  ni-eigin  as 
airde  agus  as  urramaiche  na  na  nithean  air 
an  do  rainig  thu  cheana.  B'  ann  de'n  t- 
seorsa   so   Mairi   Ghreumach. 

Mar  na  leomainn 

Aig  na  bail  agus  na  coiimeamhan-ciuil 
a  bhiodh  aca  an  CiUe-sgumain  bhiodh  na 
gillean  oga  a'  dol  mu'n  cuairt  oirre  mar 
bhios  na  leomainn  ag  iarraidh  an  t-soluis, 
ach  bha  Mairi  cho  laghach  agus  cho  coibhneil 
agus  cho  glic  's  nach  do  leig  i  le  gin  dhiubh 
riamh  an  sgiathan  a  losgadh  no  dhathadh, 
mar  is  trie  a  bhios  a'  tachairt  do  na  leomainn. 

Rud  a  b'iongantaiche,  ged  bha  uiread 
iarraidh  oirre  aig  na  gillean  oga  cha  do 
choisinn  sin  dhi  miorun  nam  ban  no  nan 
nighneanan  eile,  ach  a  mhain  gu  robh  grain 
uamhasach  aig  nighean  a'  bhaiUidh  oirre, 
Eilidh  Lawson.  Bha  an  teiae  sin  ann  an 
cridhe  Eilidh  ah*  a  sheideadh  suas  le  gaoth 
an  eagail  gus  mu  dheireadh  an  d'fhas  e  cho 
teth  agus  cho  naimhdeil  's  gu'm  ^biodh  i  a' 
guidhe  bas-sgiorraidh  do  nighean  a'  mhuil- 
leir, agus  eagal  oirre  gu'm  faodadh  i  Edgar 
Notman  a  thoirt  bhuaipe  fhein. 

Bu  mhaith  dhise  na'n  d'thug  cuideigin 
Edgar  Notman  uaipe,  oir  cha  robh  ann 
ach  dill  nan  gillean,  ramailear  aig  nach  robh 
cliii  no  coguis,  a  bha  na  bu  ghaolaiche  air 


dannsadh  na  bha  e  air  obair,  ach  air  an  robh 
feill  aig  na  boirionnaich  a  chionn  gu  robh 
a  choslas  agus  a  chraicionn  agus  a  shiiilean 
agus  fait  a  chinn  mar  bha  Absalom,  dreach- 
mhor  OS  cionn  chaich,  agus  e  daonnan  air 
dheagh  chur  uime. 

Bha  gaol  aig  Eilidh  Lawson  air  Edgar, 
gaol  teth  teinnteach  anns  an  robh  eagal 
agus  iadach  agus  amharus  air  am  measgadh 
le  faireachduinean  a  b'  fhearr.  Air  uairean 
bhiodh  teas  a  gaoil  a'  cur  eagail  air,  ged 
nach  robh  e  furasda  eagal  a  chur  air  a 
bhathais  stailinn,  ach  bha  seorsa  de  ghaol 
aige  oirre,  na's  urrainn  droch  dhuine  a 
thoirt  do  neach  air  bith  eile.  Is  ann  dha 
fhein  a  tha  gaol  an  duine  dhona.  Ach  co 
dhiubh  bha  e  air  a  thuigsinn  eadar  Edgar 
agus  EUidh  gu'n  rachadh  iad  uaireigin 
comhla. 

Aig  bal  nan  tuathanach  anns  a'  gheamh- 
radh  1904  dhanns  Mairi  Ghreumach  comhla 
ri  Edgar  Notman,  agus  o  phlathadh  a  chun- 
naic  e  'n  a  h-aodann  thuig  e  nach  bu  mhi- 
thoigh  leatha  gu'n  dannsadh  iad  comhla 
a  rithist.  Sin  mar  thoisich  an  gnothuch, 
agus  o'n  bheag  gus  am  mor  chaidh  e  air 
aghaidh  gus  an  do  gheall  i  a  phosadh.  Cha 
b'ann  an  aghaidh  a  toile  a  rinn  i  e,  ach  le 
a  h-uile  chridhe,  oir  bha  i  mar  gu'm  biodh 
i  ann  an  neamh  le  sonas  agus  neochiontas 
a  gaoil.  Ged  bha  esan  air  son  a  posadh  cha 
robh  gaol  aige  oirre  a  b'fhiach  gaol  a  radh 
ris,  agus  cha  robh  dad  eile  'g  a  tharruing 
gu  nighean  a'  mhuilleir  ach  diiil  agus  dochas 
gu'm  biodh  tochar  maith  aice,  agus  gu'n 
cumadh  a  h-athair  an  dithis  aca  ann  an 
comhfhurtachd  uile  laithean  am  beatha. 

B'  aithne  do'n  mhuillear  Edgar  Notman 
agus  a  dhol-a-mach  gu  maith  ;  bha  fhios 
aige  nach  robh  e  firinneach  no  stuama  no 
uasal  'n  a  dhoighean,  agus  sheas  e  gu  laidir 
an  aghaidh  a'phosaidh.  Ach  an  uair  a  tha 
da  bhoiiionnach  an  aghaidh  aon  fhear  cha 
ruig  thu  a  leas  fharraid  c6  a  dh'fheumas 
striochdadh.  Ghabh  a  mathair  taobh  Mairi, 
air  a  mealladh  le  modhanna  corporra  a' 
ghille,  an  aoibh  a  bha  daonnan  air  aodann, 
luathas  agus  abhacas  a  sheanchais,  agus  an 
t-eolas  a  bha  aice  gu  robh  a  chuideachd  'n 
an  daoine  cothromach  cliiiiteach.  Theireadh 
i  nach  robh  anns  na  naidheachdan  a  bhiodh 
a  ruighinn  Chille-sgumain  mu  na  daoraichean 
a  bhiodh  e  a'  gabhail,  agus  a'  ghraisg  dhaoine 
a  bhiodh  e  'n  am  measg  an  uair  a  bhiodh 
e  air  an  ran-dan  ann  an  Sruidhla  no  anns 
an  Oban,  ach  droch  thuaileas  a  bhiodh-  a 
naimhdean  a'  togail  air  o  fharmad. 

Gaol  an  airgid. 

An  uair  a  chuala  nighean  a'  BhaiUidh  gu 


6 


ANNA  A'  CHATHAIR 


robh  Edgar  agus  Mairi  Ghreumach  air 
cordadh  a  dheanamh  ri  cheile,  cha  do 
lughdaich.  e  a  gaol  fhein  air  ;  bha  e  na  bu 
laidire  agus  na  bu  teinntiche  na  bha  e  riamh, 
air  a  sheideadh  leis  a'  chuthach  a  chuir  am 
fuath  agus  an  t-eud  a  bha  aice  ris  an  te  eile 
'n  a  ceann,  agus  an  tamailt  a  chuir  Edgar 
oirre  am  fianuis  an  t-saoghail  le  dol  an  cois 
fhacail. 

Chan  'eil  fhios  aig  duine  eUe  ciod  a  bha 
eatorra,  an  uair  a  dh'innis  e  dhi  mar  bha 
cuisean  (an  aon  uair  'n  a  bheatha  a  bha 
coslas  diiiid  is  narach  air)  ach  co  dhiubh 
bha  iad  le  cheUe  cinnteach  gu  robh  barrachd 
gaoU  aige  air  an  te  a  bha  e  a'  tilgeadh  bhuaith 
mar  luideig  na  bha  aige  air  an  te  a  bha  e  dol 
a  phosadh.  Cha  robh  e  'n  a  chleachdadh 
aig  aon  seach  aon  aca  a  bhi  dol  do'n  eaglais, 
ach  na'n  robh  iad  anns  an  eaglais  air  an 
t-Sabaid  chluinneadh  iad  am  facal  so  air 
a  leughadh  anns  a'  mhaduinn  a  Leabhar 
na  firinn,  "  Is  e  gaol  an  airgid  freumJh  gach 
uilc,"  agus  anns  an  fheasgar  am  facal  so 
eile,  "  An-iochdiuhor  mar  an  uaigh  tha 
an  t-eud." 

An  uair  a  phos  a  charaid  6g  cha  d'fhag 
Mairi  Ghreumach  tigh  a  h-athar,  oir  cha 
robh  tigh  aig  Edgar  d'an  toireadh  e  i,  no 
obair  aige  leis  am  faigheadh  iad  beo-shlaint. 
Cha  do  ghearain  am  muilleir,  ach  cha  mho 
a  thuirt  e  aon  fhacal  mu'n  tochar  ris  an  robh 
fiughair  aig  fear-na-bainnse  ;  leig  e  leo  an 
toil  fheiii  a  dheanamh  agus  an  rathad  fhein 
a  ghabhail,  ach  a  mhain  gu  robh  biadh  agus 
leaba  cinnteach  dhaibh.  An  uair  a  rachadh 
iad  a  laighe  bhiodh  a  bhean  ag  iarraidh  air 
agus  a'  guidhe  air,  Mairi  agus  Edgar  a  chur 
air  thigheadas  dhaibh  fhein,  ach  theireadh 
e  rithe  gu'm  biodh  e  trath  "gu  leoir  dha  a 
cuid  a  thoirt  do  Mhairi  an  uair  a  chitheadh 
e  Edgar  a'  lubadh  a  dhroma  agus  a'  truiseadh 
a  mhuilchinnean. 

,  Chaidh  da  bhhadhna  seachad  mar  sin, 
ach  is  iomadh  atharrachadh  a  dh'  fhaodas 
tighinn  air  aite  beag  ann  an  da  bhliadhna. 
Shiubhail  am  BaUlidh  agus  a  bhean  agus 
gun  dad  aca  air  chul  an  cinn  ach  a  mhain  gu'n 
do  phaigh  an  earnais  na  fiachan  a  bha  orra, 
agus  cosdus  an  tiodhlacadh  anns  a'  bhaUe 
bheag,  fada  o  ChUle-sgumain,  anns  a  bheil 
uaighean  an  sinnsir.  B'fheudar  do  EUidh 
an  tigh-ban  anns  an  do  thogadh  i  fhagail, 
gun  airgiod,  gun  ealain,  gun  sgil,  no  gun 
dad  eile  foidhpe  ach  an  dubh-chosnadh. 
Chaochail  am  muillear  agus  a  bhean  cuid- 
eachd,  mar  sheachduin  d'a  cheile,  ach  ged 


is  e  bas  aithghearr  a  thainig  air,  bha  a 
thiomnadh  agus  a  shealbh  saoghalta  air  an 
cur  an  ordugh  gu  diongmholta  roimh  laimh 
le  fear-lagha  anns  an  Oban,  agus  triiiir 
cheileadaran  no  luchd-urrais  air  an  ainmeach- 
adh,  am  fear-lagha  fhein,  agus  ministear, 
agus  bancair  Chille-sgumain.  Leugh  mise 
an  tiomnadh  sin  iomadh  uair,  agus  feumaidh 
mi  a  radh  nach  robh  dad  eile  am  beachd  a' 
mhuilleir  ach  nach  laimhsicheadh  agus  nach 
froiseadh  Edgar  Notman  an  t-airgiod  a  bha 
e  a'  fagail  aig  Mairi  agus  aig  a  teaghlach, 
na'm  biodh  teaghlach  aice. 

Gompanas  peacach. 

Cha  robh  teaghlach  aice,  ach  mur  robh, 
bha  mac  aig  Eilidh  Lawson,  ged  nach  robh 
fear  aice,  Edgar  beag  neo-chiontach  a  bha 
cho  coltach  ri  athair  's  gu'n  abradh  tu  gur 
ann  as  an  aon  mhoUdair  a  thainig  iad,  rud 
a  bhiodh  fior.  Gu  fortunach  bha  am 
Baillidh  agus  a  bhean,  agus  am  muillear 
agus  a  bhean,  marbh  m'an  do  thog  an 
naidheachd  bhronach  so  mu  Eilidh  ceann 
an  Cnie-sgumain.  A  reir  seanchas  nan 
coimhearsnach  bhiodh  Edgar  a'  fagail  Mairi 
m'an  robh  iad  sia  miosan  posda  agus  a'  dol 
air  ais  gu  Eilidh  gu  falachaidh  anns  an 
dorchadas.  Rud  iongantach,  mar  bu  mhotha 
a  bha  a  gaol  teinnteach-sa  a' fuarachadh  is 
ann  bu  mhotha  a  bha  a  ghaol-san  a'  biiirich 
'n  a  fheoil  agus  'n  a  chnamhan.  Lean  iad 
air  a  cheile  fhaicinn  gu  h-uaigneach  gus 
am  bu  deireadh  d'an  companas  peacach 
gu  robh  bias  na  luaithre  air  gach  greim 
toirmisgte  a  dh'itheadh  iad.  Aon  oidhche 
agus  e  air  an  deoch  ann  an  Sruidhla  thuishch 
e  air  an  t-sraid,  bhuail  carbad  anns  a'  cheann 
e,  is  bha  e  air  a  mharbhadh  gun  sgrid. 

Le  toil  agus  cead  a  mhathar  thug  Mairi 
Ghreumach  am  paisde  dhachaidh  agus  thog 
i  e  mar  gu'm  b'e  a  mac  fhein  a  bha  ann. 
Ged  nach  robh  i  ach  da  bhliadhna  ar  fhichead 
an  uair  a  bha  Edgar  air  a  mharbhadh  cha 
do  phos  i  a  ris,  ach  lean  i  oirre  ag  abuchadh 
ann  an  gliocas  agus  ann  am  faidhidinn,  agus 
cho  laghach  gaolach  's  a  bha  i  riamh. 

Sin  an  naidheachd,  gun  dad  a  bhi  air  a 
chur  rithe  no  dad  air  a  chleith,  ach  chan  'eil 
fhios  agam  ciod  a  bheir  mi  aisde  ach  a  mhain 
so,  gu  robh  beatha  nan  dithis  nigheanan  ud 
air  a  milleadh  leis  a'  ghaol  a  bha  aca  air 
duine  dona.  Bha  beatha  agus  nadur  Eilidh 
Lawson  air  am  milleadh,  ach  ged  mhill  a 
gaol  beatha  Mairi  Ghreumach,  cha  do  mhill 
e  an  nadur"  laghach  grinn  a  bha  innte  o 
thiis. 


Traigh  bhan  nam  Manach 

Leis  an  Ollamh  Golla  Domhnullach. 


BHA  mi  a'  feitheamh  ri  m'  dhinneir  ann  an 
seomar-aoidheachd  ann  am  baile  Dhun- 
eideann,  agus  mu  m'  choinneamh  bha  balla 
riomhach  le  dealbhan.  Ghlac  dath  na 
speur,  na  machair,  agus  a'  cbuain  m'  aire, 
agus  air  sgiathan  na  cuimhne  thug  mi 
sgriob  do  na  h-eileanan  iar.  Sheall  mi  na 
bu  dltiithe  agus  dh'aithnich  mi  "  Tra  ban 
nam  manach  "  ann  an  eUean  I.  Ann  an 
dithis  de  na  dealbhan  bha  tigh  Airdionra 
le  thugha  bhuidhe  bhlath  agus  na  saibhlean 
le'n  cinn  ruadha  ;  an  tigh-comhnuidh,  an 
t-achadh  buana,  an  traigh  de'n  ghaineamh 
shligeach  bhan  agus  eilean  annradh — -tharru- 
ing  agus  ghleidh  iad  m'aire  tacan,  an  sin 
thog  mi  mo  shuil  agus  dh'fhailtich  mi  a' 
bheinn  mhor  Mhuileach,  an  Aird-mheadh- 
onach,  agus  Gribunn,  Loch  nan  Ceall  agus 
an  Innis  'n  a  bheul,  Gometra  agus  Ulbha 
ann  am  fasgadh  a'  mhonaidh  iosal  a  tha 
ruith  gu  saUe  aig  Rudha  na  Caillich.  Eadar 
eilean  annradh  agus  Gometra  bha  cuan  cho 
gorm  ris  an  speur  agus  li  uaine  na  tanalach 
a  bha  an  cois  na  traghad. 

Tha  mise  a'  tadhall  gu  trie  ann  an  aitreabh 
nan  dealbh  's  na  bailtean  mora,  agus  is  e 
mo  bheachd  nach  robh  mi  ann  aon  diubh 
riamh  gun  dealbh  "  Tra  ban  nam  manach  " 
fhaicinn.  Thog  mo  chridhe  ris  ann  an 
seomxaichean  mora  Uallas  agus  Tait  ann  an 
Lunnainn,  ann  an  Liverpool,  agus  ann  am 
Birmingham.  Agus  ged  is  mor  an  tipraid 
agus  a'  mhalairt  ann  an  Glaschu,  tha  tigh 
dealbhan  anns  a'  bhaile  cho  eireachdail 
agus  a  tha  's  an  rioghachd.  Ach  car  son 
a  tha  dealbh  "  Tra  ban  nam  manach " 
crochte  ann  an  tighean  riomhach  nam 
bailtean  mora  ? 

Tha  muir  cho  gorm,  traigh  cho  ban, 
beanntan  cho  rioghail  ri  fhaicinn  o  chlad- 
aichean  Cholasa,  Thiriodh,  Bharra,  taobh 
an  iar  Uidheist,  agus  na  h'Earradh.  Ach 
ged  a  tha  am  machraichean  cho  ditheineach 
agus  an  traighean  cho  ban  is  ainmig  a  chi 
sinn  an  dealbh  air  canabhas.  Ma  tha 
teomachd  aig  fear  no  te  air  tarruing,  cuiridh 
iad  "  Tra  ban  nam  manach  "  air  canbhas 
Car  son  ?  Direach  a  chionn  gu'n  d'  rinn 
Calum  Cnie  a  dhachaigh  ann  an  I  agus  gu'm 
bheil  gach  sealladh  a  lion  a  shuil  agus  a  thug 
solas  d'a  chridhe  a'  gairm  dhaoine  fhathast. 

Ciod  an  daimh  a  tha  eadar  dealbhan  agus 
creideamh  agus  grinneas-laimhe  luchd  tarru- 
ing ■?  Chan  'eil  teagamh  idir  nach  'eU 
cairdeas  eatorra.     Is  ann  ri  hnntean  a  tha 


dol  fo'n  ainm  "  linntean  a'  Chreidimh  "  a 
bha  ealdhain  luchd-tarruing  aig  airde.  Air 
an  Roinn-Eorpa,  agus  gu  sonruichte  anns 
an  Eadailt,  an  Spain,  an  Olaind,  agus  anns 
an  Fhraing  bha  meas  air  luchd-tarruing 
ceudan  bliadhna  mu'n  d'fhuair  iad  urram 
ann  an  Sasunn,  no  idir  ann  an  Albainn.  Is 
e  cuspairean  crabhach  a  b'aill  leo.  Noah 
agus  an  tuil,  Abram  ag  iobairt  a  mhac 
gradhach  air  sliabh  Moriah,  Samuel,  Saul 
agus  Daibhidh,  an  oighe  agus  an  leanabh 
naomh,  losa  agus  na  h-abstoil. 

Car  son  a  bha  sinne  cho  anmoch  mu'n  do 
thoisich  sinn  air  obair  fhinealta  a  dheanamh  ? 
Bha  e  air  a  thUgeadh  mar  innisg  oirnne  nach 
robh  siiil  ghlan  no  lamh  ghrinn  aig  Alban- 
nach.  Ach  chan  'eil  sin  furasda  a  chreidsinn 
an  uair  a  tha  fhios  againn  gur  e  na  daoine 
againne  a  chuir  dreach  air  duUleagan  nan 
seann  leabhraichean. 

Feumaidh  sith  agus  saibhreas  a  bni  ann 
an  diithaich  mu'n  bi  meas  air  obair  luchd- 
tarruing,  agus  cha  robh  sith  no  saibhreas  ann 
am  Breatunn  gus  an  naoieamh  liiin  dheug. 

Cha  robh  beartas  anns  a'  Ghaidhealtachd 
agus  cha  robh  stiil  na  dheidh.  Cha  robh  meas 
air  fear-tarruing,  no  iarrtas  air  obair.  Cos- 
gaidh  dealbh  math  moran  airgid  ;  agus  is 
beag  dhealbh  a  ni  fear-tarruing  anns  a' 
bhliadhna.  Ma  bhitheas  an  t-sid  fuar, 
fliuch,  tha  am  fear-ealadhain  'n  a  thamh. 
Chan  'eil  aige  air  ach  feitheamh  gu  foigh- 
idneach  gus  am  bi  a'  ghrian  agus  na  neoil 
a'  comh-chordadh.  Bha  dealbhan  gann  ann 
an  tighean  nan  Gaidheal,  ach  theid  sinn 
fada  air  seachran  ma  chomhdhuineas  sinn 
nach  'eil  tlachd  aig  GaidheU  ann  an  dealban. 

Co  a  chuireas  muir  agus  machair  agus 
cladach  creagach  air  canabhas  na  's  fhearr 
na  Mac  Griogar  'Ic  Gille-bhain  ?  Co  chuir- 
eadh  air  la  fuar  geamhraidh  ciobair  agus 
a  choin  ag  iomain  caoraich  dhubh-cheannach 
air  canabhas  coltach  ri  Mac  Fhearchair  ? 
Nach  bu  ghasda  an  dealbh  a  dheanadh  an 
Greumach  air  crodh  Gaidhealach  'n  an 
dachaigh  mhonadaU  am  measg  fraoch  agus 
luachair  ri  taobh  locha !  Nach  e  Mac-an-t- 
sagairt  a  bhriseadh  dealbh  na  mara  ri  latha 
ciuin  no  latha  gruamach  mur  coinneamh ! 
Bu  teoma  agus  bu  ghrinn  a  chuir  Mac 
Eoghainn,  Mac-an-Tailear,  Mac  Bhrighde, 
Mac  Ghilliosa  agus  Mac  Adhamh  "Tra 
ban  nam  manach "  ann  an  dealbhan  le 
daithean  a  reir  a  cheile. 

An    deidh    nan    diulnach    a    dh'ainmich 


AIG  AN  UINNEIG 


mi  thainig  Cadell,  agus  Peploe,  agus  bu 
bhoidheach  a  tharruing  iad  "  Tra  ban  nam 
manach "    agus   Muile    nam    morbheann. 

Roimhe   so   bha   airgiod  gann  feadh   na 
Gaidhealtacbd  agus  cha  robh  tighean  dubha 


toiteach  freagarrach  air  son  dhealbhan,  ach 
tha  tighean  tira  eireachdail  feadh  na  dtithcha 
an  diugh,  agus  is  airidh  iad  air  dealbh  maiseach 
no  dha  ann  an  seomar  mor  nan  cuirm  agus 
a'   chomhairle. 


Aig  an  Uinneig 


THA  mi  'g  a  sgriobhadh  so  air  feasgar  na 
Sabaid,  a'  cheud  Sabaid  de  October,  latha 
cho  citiin  blath  's  a  bha  ann  am  bliadhna, 
latha  a  chuireadh  as  do  chuimhne  gu  bheU 
a  leithid  de  ni  ann  agus  sid  fhuar  no  fhliuch. 
Anns  an  eaglais  d'am  bi  mi  a'  dol  bha 
seirbhis-bhuidheachais  againn  air  son  an 
Fhoghair,  agus  eadar  blaths  is  soilleireachd 
na  greine,  agus  maise  nam  fltiraichean  agus 
nam  measan  a  bha  air  an  carnadh  air 
beulaibh  bord  a'  Chomanachaidh  (gu  bhi  air 
an  cur  gu  Tighean-eiridinn  an  deidh  laimhe), 
agus  na  laoidhean  a  sheinn  sinn  agus  na 
h-urnuighean  agus  an  searmon  a  chuala 
sinn  o'n  mhinistear,  tha  mi  an  duil  nach  robh 
mi  riamh  aig  seirbhis-bhuidheachais  a  dhiiisg 
moladh  agus  taingealachd  'n  am  chridhe  mar 
a  rinn  i.  Cha  robh  cearr  ach  aon  ni,  nach 
robh  ach  gle  bheag  de  thuathanaich  anns  an 
eaglais.  Ciod  a  theireadh  tu  ri  daoine  a 
bhios  an  suilean  a'  faicinn  miorbhuilean  an 
Tighearna  air  na  h-achaidhean,  ach  nach 
'ell  a'  toirt  fainear,  ach  gu  bheU  an  cridlie 
air  fas  reamhar,  agus  an  cluasan  mall  chum 
eisdeachd,  agus  gu'n  do  dhruid  iad  an 
suUean  air  eagal  gu'm  faiceadh  iad  le'n 
sixUean  agus  gu'n  tuigeadh  iad  le'n  cridhe, 
agus  gu'm  biodh  iad  air  an  iompachadh. 
Labhair  am  muiistear  ruinn  mu  na 
doighean  anns  a  bheil  Dia  a'  labhairt  ris 
an  anam  agus  anns  a  bheil  e'g  a  fhoUlseach- 
adh  fhein  do  dhaoine,  gu  sonruichte  leis 
na  plathaidhean  a  tha  iad  a  faotainn  air 
Maise,  agus  steidhich  e  a  shearmon  air  na 
tri  earrannan  so  anns  a'   BhiobuU, 

(1)  Rinn  e  gach  ni  maiseach  'n  a  am.  fein. — 

Ecclesiastes  iii.    11. 

(2)  Thugaibh   do'n   Tighearna   a'   ghloir   as 

cubhaidh  d'a  ainm  ;  sleuchdaibh  dha 
ann  am  maise  na  naomhachd.^- 
Salm  xxix.  2. 

(3)  Biodh  maise  an  Tighearna  ar  Dia  oirnn, 

agus  daingnich  thusa  obah  ar  lamh 
dhuinn. — Salm  xc.  17. 

Maise  an  t-saoghail,  maise  na  naomhachd, 
maise    Chriosd, — ciod    an    cuspair-seanchais 


a  b'fhearr  a  bhi  aig  ministear,  chan  e  mhain 
air  aon  Sabaid  de'n  bhliadhna  ach  a  h-uUe 
Sabaid,  agus  ciod  an  tirnuigh  a  b'  fhearr 
ann  an  cridhe  dhaoine  aig  crioch  na  seirbhis 
na'n  tirnuigh,  gu'm  biodh  maise  an  Tighearna 
ar  Dia  orra. 

An  inntinn  thoilichte 

Duine  air  bith  aig  a  bheil  inntinn  thoilichte 
agus  inntinn  dhochasach  tha  saibhreas  mor 
aige,  saibhreas  as  fhearr  na  or  nan  Innsean. 
Ma  tha  thu  toUichte  leis  na  tha  agad  ciod 
a  b'fheairrd  thu  an  corr  a  bhi  agad  ?  Is 
aithne  dhuinn  uUe  daoine  aig  nach  'eil 
moran  de'n  t-saoghal  ach  a  tha  cho  aotrum 
sona  ris  na  h-eoin  a  chionn  gu  bheil  teine- 
sith  an  t-sonais  'n  am  broUleach  fhein. 

Mur  bheil  thu  a'  faheachduinn  gu  bheU  > 
rud  'g  ad  dhith,  agus  mur  bheil  thu  'g  a 
shanntachadh,  cha  lughdaich  e  do  shonas 
a  bhi  as  eugmhais.  An  uair  a  bhios  tu  a' 
coiseachd  air  an  t-sraid,  a'  dol  seachad  air 
biith  as  deidh  btith,  agus  na  h-uinneagan 
aca  Ian  de  gach  seorsa  ghnothaichean  is 
bathair,  tha  mi  cinnteach  gu'm  bi  a'  cheart 
smuain  ag  eirigh  'n  ad  inntinn  a  bhios  'n 
am  inntinn- sa — na  tha  de  rudan  anns  an 
t-saoghal  air  nach  'eil  feum  agad,  agus  air 
nach  'eil  iarraidh  agad. 

Saoihdh  sinne  nach  b'urrainn  do  dhaoine 
anns  na  Mnntean  a  dh'fhalbh  a  bhi  toilichte, 
agus  gun  gin  aca  de  na  rudan  nach  dean 
sinn  fhein  feum  as  an  eugmhais.  Ach  chan 
'eil  e  duUich  tighinn  as  eugmhais  rud  air 
bith  ris  nach  robh  sinn  cleachdte.  Bha  an 
criiisgean  dubh  maith  gu  leoir  nuair  nach  robh 
na  b'fhearr  ann,  ach  cha  riaraich  an  lochran 
as  gile  agus  as  gloine  daoine  an  diugh  o  na 
dh'  fhas  iad  cleachdte  ri  solus -dealain.  Chan 
fhaca  Maois  no  Socrates  riamh  cnap  buntata, 
agus  cha  do  bhlais  iad  tea  no  coffee  ;  cha  do 
leugh  Shakespeare  paipear-naidheachd  riamh, 
agus  cha  mho  a  bhiodii  botul  teth  air  a  chur 
's  an  leabaidh  aige.  Ach  air  a  shon  sin 
bha  iad  cho  toilichte  le'n  staid  ruinne,  aig 
am  bi  ceann  goirt  mur  faigh  sinn  cupan- 
maidne  mu'n  eirich  sinn.  Chan  aim  ann  an 
goireasan  a  tha  beatha  no  sonas  duine. 


Aireamh  12 


1947 


An  t-Iongantach 

'S   e'n    t-iongantas    hu    niMorbhuilich' 
Chaidh  innseadh  riamh  do  shluagk, 
An  Dia  bha  ann  o  shiorruidheachd 
Bhi  fas  'n  a  cMochran  truagh. 


So  am  mios  anns  a  bheil  cuimhne  air  a 
chumail  leis  a'  Chriosdachd.  uile  air  la-breith 
an  Leinibh  Naoimh  ann  am  Bethlehem, 
an  la  as  aoibhniche  a  bha  riamh  air  thalamh 
ged  nach  robh  moran  aig  an  robh  fhios  aig 
an  am  gu'n  do  rugadh  dhaibh  Slanuighear. 
Ach  bha  fhios  aig  na  h-ainglean  air,  agus  aig 
Muire,  agus  aig  na  buachaillean,  agus  aig 
iarmad  beag  de  dhaoine  naomh  agus  iriosal 
a  bha  a'  feitheamh  ri  solas  agus  saorsa 
Israeli.  Agus  chuir  sgeul  aoibhneach  an 
t-soisgeil  ceol  'n  an  cridhe  agus  oran  nuadh 
'n  am  beul.  "  Tha  m'anam  ag  ard-mholadh 
an  Tighearna,  agus  tha  mo  spiorad  a'  dean- 
amh  gairdeachais  ann  an  Dia  mo  Shlanuigh- 
ear."  "  Gu  ma  beannaichte  an  Tighearna 
Dia  Israeli  air  son  gu'n  d'fhiosriach  e,  agus 
gu'n  d'thug  e  saorsa  d'a  phobuU."  "  Gloir 
do  Dhia  anns  na  h-ardaibh,  agus  air  talamh 
sith,  deagh-ghean  do  dhaoine." 

Anns  an  duthaich  so  tha  sinn  a'  sealbhach- 
adh  gu  pailt  beannachdan  an  t-soisgeil  o 
chionn  nan  ceudan  bliadhna,  agus  bu  choir 
dhuinn  Dia  a  mholadh  gach  la  d'ar  beatha, 
ach  gu  sonraichte  aig  an  am  so  an  uair  a  tha 
an  Eaglais  Choitchionn  uile  a'  cumail 
cuimhne  air  teachd  Chriosd  agus  a  naoi- 
dheanachd  ann  an  staid  losal. 

A  thaobh  teachd  an  t-Slanuigheir  dp'n 
t-saoghal  tha  da  smuain  shonraichte  a  bhios 
ag  eirigh  ann  an  inntinn  dhaoine — •(!)  Ma's 
e  Criosd  Mac  gradhach  Dhe  d'an  d'thug  an 
t-Athair  iighdarras  agus  cumhachd  a  riogh- 
achd  a  chur  air  chois,  car  son  nach  'eil 
rioghachd  Dhe  a'  deanamh  barrachd  adhar- 
tais  na  tha  i  a'  deanamh  ?  (2)  Ma  bha 
peacadh  anns  an  t-saoghal  o  linn  Adhaimh 
car  son  nach  d'thainig  an  Slanuighear  na  bu 
luaithe  a  shaoradh  pheacach  ? 

(1)  Tha  e  fior  nach  'eil  an  saoghal  air  a 
chosnadh  do  Dhia  fhathast,  no  a  thoil  air 
a  deanamh  air  thalamh,  ach  chan  ann  aig 
Criosd  no  aig  a'  Chreideamh  Chriosduidh 
a  tha  a'  choire  ach  aig  an  nadur  pheacach  a 
tha  air  a  bhreith  le  mac  an  duine.  Tha  e 
ceart  gu'm  biodh  iomgutn  agus  naire  oirnn 
a    chionn    gu    bheil    eaglais    agus    aobhar 


Chriosd  cho  anfhann  anns  an  t-saoghal  's 
a  tha  iad,  ach  tha  e  ceart  gu'n  cuimhnich- 
eamaid  cuideachd  air  na  rinneadh  cheana 
anns  an  t-saoghal  'n  a  ainm  agus  le  a  chumh- 
achd.  Cha  mhor  gu  bheil  aite  anns  an  t- 
saoghal  anns  nach  'eil  an  soisgeul  air  a 
shearmonachadh  ;  tha  muilleanan  'g  a 
aideachadh  mar  an  Tighearna  agus  an 
Slanuighear,  agus  tha  muilleanan  eile  nach 
'eil  ag  aoradh  dha  a'  creidsinn  nach  fhacas 
riamh  air  thalamh  duine  cho  maith  ris,  no 
duine  a  b'fhearr  leo  iad  fhein  a  bhi  coltach 
ris.  Tha  cuid  de  na  rioghachdan  as  toisiche 
air  an  t-saoghal  a'  gabhail  a  theagaisg  mar 
iighdarras  air  na  laghanan  a  tha  iad  a' 
deanamh.  Tha  Tigh  nan  Cumantan  a' 
toirt  uiread  geill  do  theagasg  Chriosd  's  a 
tha  Ard-Sheanadh  na  h-eaglais.  Ged  nach 
'eil  sith  air  thalamh  fhathast  tha  e  cho  fior 
's  a  bha  e  riamh  gur  e  Criosd  Dochas  an  t- 
saoghail,  agus  nach  'eil  doigh  eile  air  crioch 
a  chur  air  an  olc  agus  an  aimhreit  agus  an 
eucoir  a  tha  anns  an  t-saoghal,  agus  'n  ar 
cridheachan  fhein,  ach  a  chuing-san  a  ghabh- 
ail  oirnn  agus  esan  a  leantuinn. 

(2)  Ged  nach  urrainn  neach  air  bith  a 
radh  le  cinnt  car  son  nach  d'thainig  Criosd 
do'n  t-saoghal  na  bu  traithe  (oir  is  ann  aig 
Dia  a  mhain  a  tha  fios)  tha  mi  an  diiil  gu 
bheil  an  tiodal  a  bha  air  a  sgriobhadh  air 
a'  chrann-cheusaidh  ann  an  tri  canainean, 
Eabhra,  Greigis,  agus  Laideann,  a'  tilgeadh 
soluis  air  a'  chilis.  Bha  an  saoghal  ri  bhi 
air  uUachadh  air  son  Chriosd,  agus  anns  na 
laithean  ud  b'e  an  saoghal  uUe,  an  Roimh, 
a'  Ghreig,  agus  na  h-Iudhaich.  Rinn  an 
Roimh  slighe  Chriosd  reidh  le  lagh  agus 
riaghailt  agus  ceartas  agus  sith  a  thoirt  do 
gach  cearn  d  'a  h-iompaireachd  -air  chor  agus 
gu'm  faodadh  teachdairean  an  t-soisgeil 
dol  o  bhaile  gu  baile  gun  eagal  gun  fhiamh  ; 
rinn  a'  Ghreig  a  shlighe  reidh  le  aon  chanain 
a  thoirt  do'n  t-saoghal,  canain  a  thuigeadh 
a'  mhor-chuid  de  dhaoine  a  fhuatr  beagan 
sgoil,  CO  dhiubh  a  bhruidhneadh  iad  i  no 
nach  bruidhneadh.  Aig  teachd  Chriosd  bha 
Greigis  mar  tha  a'  Bheurla  an  diugh,  dhean- 


AN  T-IONGANTACH 


adh  tu  do  rathad  leatha  ann  an  aite  air  bith. 
Bha  an  Tiomnadh  Nuadh  air  a  sgriobhadh 
ann  an  Greigis,  agus  an  soisgeul  air  a  shear- 
monachadh  ann  an  Greigis.  Cha  ruig  mi 
leas  dad  a  radii  mu'n  uUachadh  a  bha  air 
a  dheanamh  air  son  Chriosd  anns  a'  Chreid- 
eamh  ludbach  agus  le  teagasg  nan  aith- 
richean  agus  nam  f^idhean,  oir  tha  fhios 
agaibh  gur  ann  as  a'  chraoibh  ludhaich  sin 
a  bhris  a  mach  am  faillean  ur  a  dh'fhas 
gu  bhi  'n  a  craoibh  a  bu  mhotha  'n  an  stoc 
as  an  d'thainig  i.  Fad  mile  bliadhna  bha 
Dia  ag  ullachadh  an  t-saoghail  air  son 
teachd  an  t-Slanuigheir  le  oibre  a  fhreasdail 
an  tir  ludea,  anns  a'  Ghreig,  agus  ann  an 
iompaireachd  na  Roimhe,  agus  a  nis  ann  an 
lanachd  na  h-aimsir  dhealraich  an  Solus 
f  ior  agus  rugadh  ann  am  Betlehem  an  leanabh 
naomh  as  aithne  dhuinn  an  diugh  mar 
Mhac   Dhe,   Slanuighear  an  t-saoghail. 

Mac  Dhe 

Anns  an  Tiomnadh  Nuadh  goirear  do'n 
leanabh  so  a  rugadh  ann  an  staid  iosal 
Mac  Dhe  agus  Facal  Dhe.  Ciod  a  tha 
na  briathran  sin  a'  ciallachadh  ?  A  bheil 
iad  a'  ciallachadh  gur  e  Criosd  am  mac  as 
fhearr  agus  as  airde  am  measg  uUe  mhic  eUe 
Dhe  ?  Chan  'eil  ;  chan  e  sin  idir  a  tha  iad 
a'  ciallachadh.  Tha  iad  a'  ciallachadh  gu 
bheil  Criosd  'n  a  mhac  do  Dhia  ann  an 
seagh  agus  ann  an  daimh  nach  urrainn 
neach  eile  a  bhi  aige  ri  Dia,  gur  e  Criosd  an 
Dia-duine  anns  a  bheil  an  da  nadur  a' 
coinneachadh  anns  an  fheoil,  daonnachd 
agus  diadhachd.  Sin  creud  agus  teagasg 
na  h-Eaglais  Choitchinn  troimh  na  linntean, 
agus  ged  nach  deachaidh  gineal  riamh 
seachad  anns  nach  do  thog  cuideigin  a  ghuth 
'n  a  aghaidh  tha  a"  bhunait  so  air  an  do 
thog  na  h-abston  an  eaglais  cho  seasmhach 
an  diugh  fhathast  's  a  bha  i  riamh.  Tha 
Dia  OS  cionn  ar  tuigse-ne,  agus  ged  tha 
deacaireachd  am;i  an  teagasg  a'  Bhiobuill 
mu'n  daimh  a  bha  agus  a  tha  eadar  Criosd 
agus  Dia,  's  e  teagasg  a'  Bhiobuill  a  tha  a' 
cumail  'n  a  h-eaglais  beo,  agus  a  tha  a'  cur 
ainm  agus  uachdaranachd  Chriosd  os  cionn 
gach  ainm  agus  uachdaranachd  eUe,  air 
chor  agus  gu  bheil  muilleanaij  d'a  bhraith- 
rean  air  thalamh  a'  lubadh  an  gltin  dha  agus 
aa  aoradh  dha  mar  Dhia. 


A'  cheud  theagasg  feall 

Anns  na  laithean  deireannach  so  is  e 
Diadhachd  Chriosd  an  cnap-starra  as  trice 
a  tha  a'  cumail  dhaoine  gun  a  bhi  a'  gabhail 
ri  creud  na  h-Eaglais  Choitchinn,  ach  anns 


a'  cheud  linn  b'e  a  dhaonnachd  a  b'aobhar- 
oilbheim  do  chuid  de  na  br^ithrean.  Bhiodh 
iad  a'  leughadh  ann  an  leabhraichean  Greug- 
ach,  no  a'  cluinntinn  o  dhaoine  a  bha  a' 
gabhaU  orra  a  bhi  'n  an  sgoilearan,  gur  ann 
anns  an  fheoil  a  tha  freumh  an  uilc,  agus 
gu  bheil  an  nadur  daonna  olc  a  chionn  gu'm 
buin  e  do'n  fheoil.  Mar  sin  thoisich  cuid  air 
teagasg  nach  do  ghabh  Criosd  air  fheia  full 
agus  feoil  agus  daonnachd  an  da  rireadh  idir, 
ach  mar  gu'm  Veadh,  direach  mar  a  chi  thu 
play-actor  'g  a  chur  fhein  ann  an  riochd 
Hamlet  no  Lear.  Bha  iad  a'  teagasg  gu'n 
d'fhag  a  dhiadhachd  an  corp  feola  m'an 
do  thogadh  suas  e  air  a'  chrann-cheusaidh, 
agus  nach  d'thug  e  leis  do  neamh  a  n^dur 
daonna  idir.  Gu  de  na  nithean  neonach 
nach  tig  ann  an  inntinn  dhaoine  a  tha  Ian 
gaoithe  agus  feallsanachd ! 

Chan  'eil  feum  aig  daoine  air  dearbhadh 
fhaotainn  gu'm  bu  duine  Criosd,  coltach 
ruinn  fhein  anns  gach  car  agus  ceum  ach  a 
mhain  gu  robh  e  gun  pheacadh.  Bhiodh  e 
ag  obair  agus  ag  aoradh,  ag  itheadh  agus  ag  61 
agus  a'  cadal,  dh'fhairich  e  fuachd  agus  acras 
agus  sgiths,  b'aitjine  dha  bronagus  buaireadh ; 
fhuair  e  coibhjiieas  is  oairdeas  o  chuid  agus 
ana-cainnt  is  miomhadh  o  chuid  eUe.  Chan 
e  mhain  gu'm  bu  duine  e,  ach  bu  duine  maith 
e ;  duine  caomhail  agus  duine  naomh ; 
duine  anns  an  robh  cho  beag  dbeth  fhein 
's  nach  robh  airgiod,  no  comhihurtachd, 
no  buannachd  shaoghalta,  no  eadhon  moladh 
a  dhith  air,  ach  a  mhain  a  bhi  a'  cuideachadh 
dhaoine  eUe  agus  gu  som'aichte  daoine  a  bha 
aineolach  air  Dia.  B'e  sin  a'  bhochdainn 
ris  am  bu  mhotha  a  bha  truas  aig  Criosd. 
Chan  e  mh^in  gu'm  bu  duine  e  ach  bha  a 
dhuinealas  cho  l^idir  's  gu'n  seasadh  e  gun 
eagal  an  lathair  shagartan  agus  uachdaran 
a  dhiteadh  eucoir  no  ana-ceartas  agus  a 
chronachadh  chealgairean. 

Feuch  an  duine !  an  seorsa  duine  a  bha 
ann  an  cridhe  Dhe  an  uair  a  thubhairt  e, 
Deanamaid  an  duine  'n  ar  dealbh  fein, 
gaisgeach  gun  mheang. 

Tha  sgeul  aoibhneach  na  Nollaige  a' 
toiseachadh  aig  Betlehem  ach  is  ann  aig 
Righ-Chathair  nan  neamh  a  tha  i  a'  crioch- 
nachadh,  far  an  do  ghiWain  an  Neach  uasal 
so  a  dhaonnachd  cho  maith  ri  dhiadhachd 
air  chor  agus  gu  bheU  creidmhich  a  nis 
dearbhta  gu  bheil  co-mhothachadh  aig  Dia 
riu  'n  an  uUe  chradh. 

Co  a  tha  sibh  ag  radh  is  mi  ?  Co  ach 
Mac  Dhe,  agus  mac  an  duine,  an  Dia-duine 
a  tha  'n  a  eadar-mheadhonair  siorruidh  eadar 
Dia  a  tha  neo-fhaicsinneach  agus  clann- 
daoine. 


CORRA-CHAGAILTE 


Oe  h-ard  e  nis  's  na  neamhaibh  shuas 
Tha  shiiil  a'  dearcadh  oirnn  a  nuas, 
Lan  sgeadaichte  le  nadur  dhaoin', 
Tha  e  mion-edlach  air  an  saoth'r. 


Co-fhulangas  tha  aige  ghnath, 
'S  co-mhothachadh  ri  'r  n-uile  chradh  ; 
Tha  cuimhn'  aig'  air  a  thrioblaid  fein, 
A  dhedir,  a  ghoinih,  is  'osnaich  gheur. 


Corra-chagailte 


SIN  an  t-ainm  Gaidhlig  a  thug  Cailean 
Domhnullach,  a  sgriobh  "  Mactalla  nan 
Gleann''  agus  "  Siiil  air  ais,"  do'n  leabhar 
mu  dheireadh  a  chuir  e  a  mach.  Is  e  an 
t-ainm  Beurla  a  thug  e  dha,  Croft  and 
Ceilidh,  da  rud  a  tha  a'  dol  comhla  daonnan, 
agus  da  rud  a  tha  barrachd  dhiubh  anns  a' 
Ghaidhealtachd  na  ann  an  aite  eile  de'n  riogh- 
achd.  Tha  coig  mile  fichead  agus  seachd  ceud 
gu  leth  croit  anns  na  sia  siorramachdan,  Earra- 
Ghaidheal,  Inbhir-Nis,  Ros  agus  Crombagh, 
Cataibh,  Gallaibh,  Arcaibh  agus  Sealtuinn, 
air  chor  agus  gu  bheil  ceud  mile  duine  no 
suas  ris  a'  faotainn.am  beoshlaint  a  croit. 
O'n  bhruidhinn  a  bhios  Gaidheil  a'  bhaile- 
mhoir  a'  deanamh  mu  na  glinn  agus  na 
h-eileanan  a  dh'fhag  iad,  shaoileadh  tu  gu 
bheil  an  duthaich  a'  dol  fas  le  cion  dhaoine. 
Chan  'eil  anns  a'  bhruidhinn  sin  ach  bruidh- 
inn  fhein,  fasan  a  tha  daoine  a'  leantuinn  o 
na,  laithean  anns  an  robh  droch  ghioUachd 
air  a  dheanamh  air  an  tuath  agus  moran 
dhiubh  air  an  iomain  thar  saile  an  aghaidh 
an  toile.  Tha  e  duilich  do  dhuine  caomhail 
an  t-iomradh  a  chuala  no  a  leugh  e  mu 
fhogradh  nan  Gaidheal  a  leigeil  as  a 
chuimhne,  no  eisdeachd  ri  oran  fior  agus 
tiamhaidh  mar  so  gun  fearg  agus  mulad  a 
bhi  'n  a  chridhe,  fearg  ris  na  riaghlairean  a 
chuir  a  mach  na  daoine,  agus  mulad  air  son 
na  dh'f hulling  an  fheadhainn  a  bha  air  an 
cur  air  falbh. 

Gur  e   mise  tha  tursach, 
A'  caoidh  cor  na  dtithcha, 
'S  na  seann  daoine  fiughail 
Bha  cliiiteach  is  treun  ; 

Rinn   uachdarain   am   fuadach 
Gu  fada  null  thar  chuantan, 
Am  fearann  chaidh  thoirt  uapa 
'S  a  thoirt  suas  do  na  feidh. 

Ach  dh'fhalbh  na  laithean  dona  sin,  agus 
chan  'eil  feum  ann  dhuinn  an  diugh  a  bhi 
leigeil  leo  ar  breith  no  ar  comhairle  a 
dhorchachadh,  oir  chan  e  uachdarain  a  tha 
a'  tanachadh  an  t-sluaigh  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd an  diugh  ach  an  sluagh  iad  fhein 
a  tha  'ga  dheanamh  le'n  toil  fhein  agus 
le  comhairle  shuidhichte.  Chan  'eil  gainne 
bidh  no  airgid  air  muinntir  na  Gaidhealtachd, 
gu  sonraichte  air  na  croitearan  ;  chan  'eil 
eucoir  air  a  dheanamh  orra  le  uachdarain 


no  le  duine  eile,  agus  cha  mho  a  tha  gearan 
aca,  ach  a  mhain  na  bhios  iad  a'  deanamh 
air  an  t-sid,  air  bataichean  Mhac  Brayne, 
agus  air  na  maoir  aig  Bord  an  Fhearainn, 
oir  tha  Achd  nan  Croitearan  'n  a  gharradh- 
dion  mu'n  timchioll,  a'  toirt  dhaibh  saorsa 
agus  sochairean  agus  beatha  shocrach  nach 
'eil  aig  daoine  eile  an  Albainn.  Bha  cho 
maith  dhuit  feuchainn  ris  a'  Chuilionn 
Sgitheanach  no  ri  ministear  de'n  Eaglais 
Steidhichte  a  charachadh  as  an  aite  ri 
croitear  a  chur  a  mach  as  a  chroit.  Is  maith 
gu'n  do  chuir  a'  chuibheal  an  car  so  dhith 
o  laithean  Sellar  agus  fasachadh  Srath 
Nabhuir.  Ach  tillidh  mi  thuige  so  a  ris, 
an  uair  a  dh'innseas  mi  dhuibh  mu'n  leabhar 
aig  Cailean  DomhnuUach. 

Saoitidh  mi  gur  h-aithne  dhomh  na  daoine 
air  a  bheil  e  a'  deanamh  seanchais,  Seoras 
Frocan,  duine  laghach  a  bha  gaolach  air  an 
uisge-bheatha,     ach    a    bhiodh    a'    dol    le 

Comunn  an  Tur-Sheachnaidh,  an  deidh 
nan  daoraichean  mora  a  ghabhadh  e,  agus 
aig  am  biodh  ribein  gorm  air  fhuaigheal  air 
a  bhroilleach  gus  an  gabhadh  e  an  ath  te, 
an  uair  a  thigeadh  an  ribein  a  nios  greis 
bheag  ;  luchd-siubhail  an  rathaid,  ceaird  agus 
bana-cheardan ;  fidhlearan,  drobhairean 
agus  treabhaichean  ;  sealgairean,  geamair- 
ean,  agus  meirlich, — agus  sgeulachdan  air 
an  innseadh  umpa  mar  a  chluinneas  tu 
aig  ceilidh  fhathast.  Ged  a  bhios  daoine 
ag  radh  "  ceilidh  "  ris  na  cruinneachaidhean 
a  bhios  aca  anns  a'  bhaile-mhor  chan  'eil 
annta  ach  coinneamh-chiuil,  no  concert, 
a  dh'fhaodadh  a  bhi  aig  Goill  ann  an  Tranent, 
neo-choltach  ris  an  t-seann  cheilidh  aig  an 
cluinneadh  tu  Domhnull  a'  glanadh  a  chleibh 
agus  ag  radh,  "  Nach  'eU  sin  a'  toirt  'n  am 
chuimhne!  "  agus  an  sin  a'  toiseachadh  air 
innseadh  do'n  chuideachd  mar  a  dh'eirich  do 
Ruairidh  Mor,  an  drobhair,  an  uair  a  choin- 
nich  na  robairean  no  na  spiiinneadaran 
ris  anns  a'  Bhealach  Gharbh,  air  a  thilleadh 
dhachaidh  o'n  Eaglais  Bhric  agus  pris  sia 
fichead  ceann  cruidh  lann  an  crios  m'a 
mheadhon.  Bu  bheag  an  call  do'n  oigridh 
nach  robh  leabhraichean  R.  L.  Stevenson 
agus  Clark  Russel  aca  cho  fad  's  a  bha 
Domhnull  beo.  Rugadh  e  an  1836  ;  rugadh 
a  mhathair,  a  bha  a'  fuireach  comhla  ris 
gus   an   do   shiubhail   i  an   1904,   an   1814  ; 


CORRA-CHAGAILTE 


rugadh  a  h-athair-se  inu'n  bhliadhna  1760 ; 
bha  a  seanair  'na  sgonn-bhalach  mor  an 
am  a'  Phrionnsa  agus  blar  Chuil-fhodair, 
agus  fhuair  e  saoghal  cho  fada  's  gu  robh 
cuimhne  aig  mathair  Dhomhnuill  air  a 
seanair  agus  air  a  sheanchas  cho  maith  's 
a  bha  aice  air  a  coimhearsnaich.  Bha 
cuimhne  mhaith  aig  an  teaghlach  ud  uile, 
agus  mar  sin  bha  Domhnull  'n  a  fhear- 
ceihdh  gasda  agus  'n  a  sgeulaiche  barraichte 
an  uair  a  thoisicheadh  e  air  nithean  nuadh 
agus  sean  a  tharruing  a  stor  a  chuimhne. 

Bruadaii  agus  aislingean 

Air  cho  teann  's  'g  am  bi  daoine  air  an 
ceangal  le  cuibhrichean  an  t-saoghail  so  agus 
le  cuibhrichean  na  feola,  tha  an  saoghal  ede 
a'  briseadh  a  steach  orra  an  uair  nach  saoil 
iad,  agus  ged  nach  b'ann  air  son  plathadh 
fhaotainn  air  saoghal  eile  a  bhiodh  daoine 
a'  dol  air  cheilidh,  tha  mi  Ian  chinnteach 
gu'm  biodh  fiamh  orm,  agus  gu'm  biodh 
m'inntinn  air  a  tarruing  fo  chumhachd  an 
t-saoghail  neo-fhaicsinnich  na'n  cluinninn 
duine  stolda  agus  creidmheach  ag  innseadh 
mu  na  bruadair  a  chunnaic  e  'n  a  chadal 
mar  tha  Cailean  Domhnullach  ag  innseadh 
anns  an  leabhar  so  mu  na  bruadair  a  chunnaic 
e  fhein,  agus  gu  sonraichte  am  bruadar  a 
chunnaic  fear  a  bha  ann  am  America  air 
an  nighinn  a  chaidh  air  chall  an  siorramachd 
Rois,  agus  far  am  faighteadh  a  corp.  Cha 
chuir  mi  gin  de  na  h-aislingean  sin  sios  air 
an  duilleig  so  ;  leughadh  agus  minicheadh 
a  h-uile  duine  iad  air  a  shon  fhein,  ach  ged 
tha  fhios  agam  nach  'eil  anns  na  bruadair 
a  bhios  mi  fhein  a'  faicinn  ach  treathlaich 
gun  bhun  gun  bharr,  cha  bu  mhaith  learn  a 
radh  gu  bheil  sin  fior  mu  uile  bhruadair 
dhaoine  eile.  Tha  mi  a'  creidsinn  gu'm 
faod  daoine  spioradail  co-chomunn  a  bhi 
aca  ri  Dia  'n  an  cadal,  agus  iirnuigh  a  dhean- 
amh  'n  an  cadal,  agus  ma  tha  duine  ag 
iirnuigh  ri  Dia  agus  ann  an  co-chomunn  Dhe, 
CO  a  ghabhadh  air  fhein  a  radh  nach  toir 
Dia  dhaibh  'n  an  cadal  an  ni  a  tha  deacair 
dhaibh .  'n  an  dusgadh.  Co  thusa  no  mise 
gu'n  gabhamaid  oirnn  a  radh  nach  do 
labhair  Dia  idir  ann  am  bruadar  rds  na 
daoine  a  tha  am  BiobuU  ag  radh  gu'n  do 
labhair  e  riu  air  an  doigh  sin. 

Obair  na  croite 

Is  e  an  t-eolas  a  tha  aige  air  croitearachd 
o  laithean  oige,  agus  an  t-eolas  a  fhuair  e  o 
dhreuchd  air  beatha  agus  obair  chroitearan 
anns  gach  cearn  de'n  Ghaidhealtachd  agus 
anns  na  h-Eileanan  an  lar,  a  tha  a'  cur  bias 
air  a  sheanchas  anns  an  leabhar  so  agus 
anns  an  da  leabhar  eile  a  sgpiobh  e.     Chan 


e  mhain  gu  bheil  an  t-eolas  sin  a'  cur  bias 
ail'  a  leabhraichean  ach  tha  e  a'  toirt  cudth- 
rom  d'a  fhacal  nach  'eil  aig  facal  dhaoine 
eile  a  bhios  a'  bruidhinn  mu  chroitearachd. 
Tha  an  t-siiiste  air  a  h-uisneachadh  a  bhual- 
adh  arbhair  anns  na  h-eileanan  fhathast, 
ach  cia  meud  croitear  a  b'urrainn  innseadh 
dhuit  gu  de  an  iiine  a  bu  choir  dhuit  a  ghabh- 
ail  a  bhualadh  deich  adagan  eorna  agus 
deich  sguaban  's  an  adaig  ?  No  an  tiine 
a  ghabhadh  spealadair  maith  a  spealadh 
acair  de  choirce-beag,  le  gaoth  fhabharach, 
an  coirce  trom  ach  'n  a  sheasamh,  agus 
sgioba  'n  a  dheidh  nach  cumadh  air  ais  e  ? 
No  an  iiine  a  ghabhas  duine  a  tha  suas  ri 
ghnothuch  a'  tanachadh  acair  ttiirneip,  no 
a'  treabhadh  acair  de  thalamh  laidir.  A 
thaobh  nithean  beaga  feumail  de'n  t-seorsa 
sin  cha  mhor  nach  'eil  Cailean  Domhnullach 
cho  maith  ri  Primrose  M'Connell.  B'aithne 
dhomh  duine  a  ghabh  seachduin  a'  treabhadh 
leth  acair  de  thalamh  aotrum  anns  an  robh 
buntata,  ach  b'e  an  t-aobhar  gu  robh  an 
rathad-mor  ri  taobh  an  iomaire,  agus  uiread 
dhaoine  a'dol  seachad  air  's  nach  b'urrainn  an 
duine  laghach  gun  smog  agus  seanchas  a  bhi 
aige  ris  a  h-uile  duine  a  stadadh  a  mholadh 
an  treabhaidh. 

Bha  Tomas  Carlyle  cho  taireil  air  daoine 
eile  an  uair  a  bhiodh  e  a'  toirt  seachad  a 
bharail  orra  's  gu'n  islicheadh  e  a  shron 
na'n  cual  e  barail  nan  geamairean  an  Ceann 
Loch  Liachairt  agus  muinntirr  ede  an  t- 
Sratha  air  fhein,  "  Bodach  beag  stuirgeach 
gun  chron  no  gun  fheuni.  Bhiodh  a'  bhean- 
uasal,  bean  a'  Mhorair  Ashburton  'g  a  thoirt 
do  Cheann  Loch  Liichairt  far  an  robh  frith 
fhiadh  aca,  ach  cha  b'ann  a'  sealgaireachd 
a  bhiodh  e  a'  cur  seachad  an  latha  ach  a' 
smadadh  an  t-saoghail.  Nach  bu  mhairg 
a  choimeasadh  duine  canranach  citichranach 
mar  bha  Carlyle  ris  an  dithis  eile,  Scott  agus 
Burns ! 

Ach  mur  do  mharbh  Carlyle  fiadh  mharbh 
Cailean  Domhnullach  gu  leoir  dhiubh  ; 
is  aithne  dha  frithean  nam  fiadh  anns  a' 
Ghaidhealtachd  o  Bheinn  Dorain  an  Earra- 
Ghaidheal  gu  Clibric  an  Cataibh,  agus  o 
Bheinn  Uamhais,  an  Ros,  gu  Pairc  Leodhais, 
air  chor  agus  gur  fhiach  a  bheachdan  mu 
chroitean  'agus  mu  fhearann  chaorach,  agus 
mu  fhrithean  fhiadh  eisdeachd  riu. 

Is  e  an  fhirinn  a  thaobh  cor  agus  ath- 
leasachadh  na  Gaidhealtachd  gu  bheil  sinn 
uile  ann  an  ceo,  gun  fhios  againn  clod  an 
fhior  rud  a  tha  cearr  no  ciamar  a  ghabhas 
e  a  chur  ceart.  O  chionn  deich  bliadhna 
fichead  bha  Comhairle  an  deidh  Comhairle, 
Comunn  an  deidh  Comuinn,  Commission  an 
deidh    Commission,    air    an    cur    air    chois, 


EAGLAISEAN  GUN  MHINISTEAR 


a  rannsachadh  mu  chor  na  Gaidhealtachd 
,agus  a  thoirt  am  follais  innleachd  air 
bith  a  tha  iad  an  dull  a  chuireadh  cuisean 
ceart.  Bha  na  Reports  a  sgriobh  iad  car 
coltach  ri  cheile  agus  iad  uile  a'  criochnach- 
adh  mar  so,  gu'm  bu  choir  do'n  Ghovernment 
airgiod  a  chosd  a  thoirt  obair  do'n  t-sluagh, 
agus  a  chur  suas  factories  bheaga  iira,  agus 
frithean  nam  fiadh  a  chur  gu  feum  eile 
seach  mar  tha  iad.  Car  son  nach  'eil  sin 
air  a  dheanamh  ?  Chan  'eil  fhios  agam, 
ach  tha  amharus  agam  gu  bheil  amharus 
aig  a'  Ghovernment  nach  tigeadh  moran 
atharrachaidh  air  a'  Ghaidhealtachd  ged  a 
dheanamh  iad  na  tha  air  iarraidh  orra. 

Ged  nach  'eil  uiread  sluaigh  air  uachdar 
na  Gaidhealtachd  's  a  bu  mhaith  leinn  chan 
'eil  an  stoc  cho  iosal  's  a  bhios  daoine  ag 
radh,  na'n  robh  iad  air  an  roinn  na  b'fhearr. 
Co  a  theireadh  nach  eile  barr-suime  dhaoine 
ann  an  Leodhus  ? 

Ma  tha  aireamh  na  cloinne  a'  dol  sios 
gu  muladach  leis  na  fasain  iira  a  tha  tighinn 
a  steach  c6  aige  a  tha  a'  choire  ach  aig  an 
t-sluagh  fhein  ?  Chan  urrainn  Mghr  West- 
wood  breith  air  amhaich  air  croitear  agus  a 
radh  ris,  "  Feumaidh  tu  posadh,"  no  "  Feu- 
maidh  tu  clann  a  bhi  agad." 

Is  e  na  sgoilean  agus  Achd  nan  Croitearan 
a  cliuir  a'  Ghaidhealtachd  air  a  casan,  agus 
a  thug  misneach  agus  saorsa  agus  cothrom 
do  'n  t-sluagh,  ach  tha  da  thaobh  air  a  h-uile 
rud,  agus  tha  sinn  a'  faicinn  an  diugh  gu 
bheil  an  sgoil  agus  Achd  nan  croitearan  a' 
tanachadh  an  t-sluaigh.  Chan  'eil  e  furasda 
do  mhac  bean  a  thoirt  a  steach  do  thigh 


athar,  agus  cha  mho  a  tha  e  furasda  dha 
posadh  ma  tha  piuthar  a'  fuheach  leis  agus  a' 
tuiteam  air  a  sgath  no  air  sgath  am  parantan. 
Anns  an  sgoil  anns  an  robh  mise  air  mo 
theagasg  bha  tri  fichead  's  a  coig  deug 
sgoilear,  ach  an  diugh  chan  'eil  innte  ach 
se  deug,  agus  dhiubh  sin  chan  'eil  ach  ceithir 
a  bhuineas  do'n  aite.  Tha  an  fheadhainn 
eile  a  Glaschu  no  a  Go  van.  Tha  uiread 
chroitearan  agus  thighean  anns  an  aite  's 
a  bha  ann  riamh,  seann  daoine  annta  agus 
seana  fhleasgaich  is  seana  mhaighdeanan, 
a'  tighinn  beo  gu  saorail  comhfhurtachail 
gun  ghainne  gun  ghearan.  Tha  a  h-uach- 
daran  fhein  air  gach  croit,  agus  cha  bhi 
gin  dhiubh  falamh  gu  brath,  oir  cuiridh  an 
seann  uachdaran  'na  aite  daimheach  air 
choreigin  a  tha  air  son  tigh  is  dachaidh 
fhaotainn  air  an  diithaich.  Tha  muinntir 
na  Gaidhealtachd  an  diugh  a'  faotainn  eisg 
a  Obar-eathairi,  bainne  o'n  Mhachair  Ghallda, 
agus  clann  a  Glaschu,  a'  cur  fios  air  a' 
chloinn  gu  Maor- cloinne  le  litir  mar  a  chuireas 
iad  fios  air  tea  gu  Cooper. 

Bruidhinn,  bruidhinn,  bruidhinn,  agus  mi 
fhein  a'  bruidhinn  am  measg  chaich,  ach  gun 
fhios  againn  ciod  a  tha  cearr,  no  ciamar  a 
ghabhadh  e  ceartachadh.  Is  e  an  aon  ni 
a  thatar  aonsgeulach  uime,  gu'm  bu  choir 
do'n  Ghovernment  rudeigin  a  dheanamh, 
ach  cha  chluinn  mi  duine  idir  ag  radh  gu'm 
bu  choir  do'n  t-sluagh  fhein  rudeigin  a 
dheanamh.  "  Mo  chruadhas,  mo  luathas,  mo 
laidireachd  fhein  " — sin  na  tri  luirg  as  fhearr 
do  dhuine  bochd  a  bhi  aige  anns  an  t-saoghal 
so. 


Eaglaisean  gun  mhinistear 


THA  na  sgirean  so  anns  a'  Ghaidhealtachd 
gun  mhinistear,  CoUa,  Diura,  Giogha,  Na'h- 
Eileanan  (Eige,  Riim,  agus  Cana)  Cill-a- 
rubha,  Cill-daltan,  Cill-chomain,  Cill-mean- 
aidh  (ceithir  cheallan  He),  Tunga,  Mealainis,  ■ 
Bracadal,  Steiseall,  Bearnaraidh  Leodhuis, 
Barabhas,  Manais,  Tairbeart  na  Hearadh, 
Bearnaraidh  na  Hearadh,  Cill-mhartainn. 
Tha  na  h-aitean  so  eile  gun  mhisionaraidh, 
Cill-Mhoire  agus  Peaball,  Loisgantir,  Cairinis, 
Sgonnsar  agus  Geshader. 

Tha  cuid  dhiubh  gun  mhinistear  o  chionn 
greis  mhaith,  agus  mar  is  fhaide  a  tha 
coimhthional  ban  (mar  theireadh  na  seann 
daoine)  is  ann  na's  duiliche  a  tha  e  dhaibh 
ministear  fhaotainn. 

Tha  ministearan  aig  a  bheil  Gaidhlig  gann, 
ach  a  thuilleadh  air  a'  ghainne  sin,  tha  an 
fheadhainn  aig  a  bheil  Gaidhlig  a'  seachnadh 
aitean  iomallach  anns  nach  'eil  na  goireasan 


no  an  companas  a  bu  mhaith  leo  a  bhi  aca. 
Aig  aon  am  bha  gach  seorsa  dhaoine  anns 
a'  Ghaidhealtachd,  uachdarain  agus  iochd- 
arain,  uaislean  agus  islean,  agus  iomadh 
seorsa  eile  eatorra,  air  chor  agus  robh  beatha 
dhaoine  inntinneach  agus  ceolmhor  ged  bha 
iad  'n  an  cuideachd  bheag  dhaibh  fein. 
Ach  an  diugh  dh'fhalbh  an  class  ard  agus  an 
class  meadhoin  agus  chan  'eil  air  fhagail 
ach  an  aon  seorsa,  agus  far  nach  'eil  ach  aon 
seorsa  dhaoine,  agus  an  seorsa  sin  fhein 
a'  fas  sean  agus  gann,  is  diith  gu  'm  biodh 
tromadas  agus  sgithealachd  ann  do  dhaoine 
oga  agus  nach  biodh  iarraidh  aca  air  am 
beatha  a  chur  seachad  ann.  Cia  dhiubh 
a  tha  iad  ceart  no  cearr  is  ann  mar  so  a  tha 
daoine  oga  a'  sealltuinn  air  a'  chtiis. 

Tha  e  duilich  a  radh  le  cinnt  car  son  nach 
'eil  oUeanaich  Ghaidhealach  an  diugh  a 
roghnachadh  a  bhi  'n  am  ministearan  mar 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


bha  iad  a'  deanamh  roimh  so.  Chi  mi 
anns  na  paipearan-naidheachd  gu  bheil 
ceathrar  de  dhaoine  cothromach  ann  an 
Diura  a'  tairgsinn  ceud  not  a  chur  ri  tighinn- 
a-stigh  a'  mhinisteir,  rud  a  tha  a'  ciallachadh 
gu  bheil  iad  am  beachd  gur  e  cho  beag  's 
a  tha  an  tuarasdal  is  coireach  gu  bheil  e 
duilich  dhaibh  ministear  fhaotainn.  An 
coimeas  ri  luchd-dreuchd  eile,  agus  ^  gu 
sonruichte  ri  seirbhisich  a'  Ghovernment, 
chan  'eil  teagamh  nach  e  beo-shlaint  lorn 
a  tha  aig  da  thrian  de  mhinistearan  na 
h-eaglais  an  diugh.  A  thuilleadh  air  sin 
tha  e  na's  fhasa  do  bhalaich  bhochd  cuideach- 
adh  fhaotainn,  ma.  tha  iad  a'  dol  a  bhi 
'n  am  maighstirean-sgoile,  na  bha  e  riamh 
roimhe.  Aig  aon  am  bha  barrachd  bhur- 
saries  ann  do  ghillean  a  bha  'g  an  ullachadh 
fhein  air  son  obair  na  ministrealachd  na 
bha  ann  air  son  dhreuchdan  eile,  ach  a  nis 
tha  bursaries  no  grants  air  arf  toirt  seachad 
air  son  a  h-uile  dreuchd  no  ceaird  a  thoilicheas 


balaich  dol  thuca,  teagasg,  obair-fearainn, 
saorsainneachd,  clodh-bhualadh,  air  chor 
agus  gu  bheil  roghainn  as  farsuinge  aig 
gillean  Gaidhealach  an  diugh. 

Ach  ged  a  dh'fhaodas  aobharan  beaga 
de'n  t-seorsa  sin  a  bhi  cumail  ghillean  oga 
air  falbh  o'n  mhinistrealachd  is  e  an  t- 
aobhar  as  motha  agus  as  truaighe  gu  bheil 
marbhantachd  spioradail  agus  iom-chomh- 
airle  spioradail  air  tuiteam  air  an  diithaich 
uile,  air  chor  agus  nach  'eil  an  creideamh 
agus  a  mhisneach  aig  gillean  oga  a  dh'fheu- 
madh  a  bhi  aca  m'an  seasadh  iad  air  beulaibh 
dhaoine  a  shearmonachadh  an  t-soisgeil 
agus  a  ghabhail  ri  creud  na  h-eaglais  mar 
an  creud  fhein. 

Chan  'eil  leigheas  air  a'  mharbhantachd  sin 
ach  gu'n  seideadh  Dia  anail  bheo  o'n  airde. 
An  deidh  gach  dusgaidh  air  a  bheil.  eolas 
no  cuimhne  agam  bha  gillean  oga  'g  an 
tairgsinn  fhein  gu  toileach  air  son  na  minis- 
trealachd. 


Aig  an  Uinneig 


Moderator  Gaidhealach 

THUG  e  toileachadh  mor  dhuinn  uile  a 
chluinntinn  gu'n  do  shonraich  an  eaglais 
an  t-OUamh  Alasdair  DomhnuUach,  minis- 
tear  Eaglais  Chaluim-cille,  an  Glaschu, 
gu  bhi  'n  a  cheann-suidhe  air  an  Ard- 
Sheanadh  an  ath  bhliadhna  ;  toileachadh 
gu  sonraichte  d'a  choimhthional  fhein,  do 
mhinistearan  Gaidhealach,  do  mhuinntir 
Uidhist,  agus  do  na  Gaidheil  a  tha  air  an 
sgapadh  air  feadh  Ghlaschu,  cia  dhiubh 
is  fior  Israelich  iad  no  thuit  iad  air  falbh  o 
theagasg  agus  o  chleachdaidhean  an  aith- 
richean  agus  a  tha  iad  a  nis  'n  an  cinnich. 

Na'm  biodh  tu  dol  a  dh'innseadh  do  neach 
eile  ciod  an  seorsa  duine  a  tha  ann  an 
Alasdair  DomhnuUach  tha  iomadh  rud 
maith  a  dh'fhaodadh  tu  a  radh  uime  ; 
dh'fhaodadh  tu  a  radh  gu  bheil  e  'n  a  shear- 
monaiche  maith  agus  'n  a  aodhair  maith, 
freasdalach  agus  baigheil  ris  a  h-uile  duine 
aig  a  bheil  gnothuch  ris,  no  chuireas  feum 
air ;  eudmhor  air  taobh  a  dhiithcha  agus 
cainnt  a  dhiithcha  agus  cor  na  h-eaglais  anns 
na  h-Eileanan,  ach  an  uair  a  dh'innseadh 
tu  dha  uime  sin  agus  mu'n  obair  a  rinn  e  an 
lonar-Gliaraidh,  an  Cill-Mhicheil,  am  Baile- 
Stephein,  an  Alloa,  an  Glaschu,  agus  anns 
na  Committees  an  Dun-eideann,  thigeadh 
tu  air  t'ais  a  dh'ionnsuidh  an  fhacail  a  bha 
'n  ad  inntinn  fad  na  h-tiine,  agus  theireadh 
tu  ris  gu  bheil  meas  aig  daoine  air  ministear 
Eaglais  Chaluim-cille  a  chionn  gu  bheil  e 
fhein  cho  laghach  agus  cho  blath  agus  cho 
caomhaU.  Tha  mi  an  dull  gur  e  a'  cheud 
fhacal  a  chuala  mi  e  ag  radh  riamh,   "  0, 


Ghraidhein,"  agus  o'n  doigh  anns  an  dubh- 
airt  e  e  bha  mi  cho  cinnteach  's  ged  bu  leir 
dhomh  a  chridhe  gu'm  bu  duine  gaolach  e. 

Ma  tha  obair  throm  aige  cheana  cha  lugh- 
daich  an  t-urram  iir  so  an  cudthrom  a  tha  air 
a  ghuaillean,  ach  tha  e  6g  (tri  fichead  's 
a  dha),  ceud  bhadhna  na's  oige  na  bha  lared 
an  uair  a  ghin  e  Enoch.  Fad  bliadhna  co 
dhiubh  cha  bhi  moran  iiine  no  fois  aige  air 
son  obair  air  bith  eile  ach  an  obair  a  tha 
an  eaglais  a'  cur  air  a'  Mhoderator,  air 
chor  agus  gu'm  biodh  e  glic  do'n  choimh- 
thional a  leigeil  mu  reir  fad  na  h-iiine  sin 
o  uallach  a'  choimhthionail. 

Tha  da  rud  eile  a  bu  mhaith  leam  ain- 
meachadh  air  an  duUleig  so,  (1)  gu  bheil 
Gaidhlig  aig  a  thriiiir  mhac,  ged  bha  iad  air 
an  togail  anns  a'  bhaile-mhoir,  rud  a  tha  a' 
dearbhadh  nach  ann  ri  boilich  no  bostruinn 
a  bhios  an  athair  an  uair  a  bhios  e  a'  moladh 
nan  Gaidheal  agus  an  canain  aig  cuirmean 
agus  ceilidhean  an  Glaschu,  agus  (2)  gu  bheil 
dithis  d'a  mhic  'n  am  ministearan,  teisteanas 
maith  do  bheatha  agus  do  obair  an  athar, 
agus  do  ghne  nan  nithean  ion-mholta  a 
chunnaic  agus  a  chuala  iad  'n  an  dachaidh 
'n  an  oige.  Ach  buinidh  roinn  de'n  chliu 
so  d'am  mathair,  nighean  do  DhomhnuU 
Mac  Amhlaidh,  Uidhisteach  a  bha  'n  a 
mhinistear  an  sgir  Meaghrath,  an  Gallaibh, 
agus  aig  an  robh  seisear  nigheanan.  Phos 
triuir  dhiubh  ministearan,  agus  dithis  dhiubh 
ministear  a  bha  no  bhitheas  'n  a  Mhoderator. 

Beannachd  is  deagh-ghean  dhaoine  maithe 
do'n  charaid  ghaolaich  so,  Alasdair  Domh- 
nuUach agus  a  bhean,  'n  an  dachaidh  agus 


AIG  AN  UINNEIG 


'n   an   obair   anns   a'   bhliadhna   a   tha   air 
thoiseach  orra. 

An  t-Urramach  Niall  Ros,  B.D. 

Bha  ionndrainn  agus  duilichinn  ann  an 
cridhe  ioniadh  duine  air  feadh  na  Gaidh- 
ealtachd,  ach  gu  sonraichte  an  He  agus  anns 
an  eilean  Sgitheanach,  an  uair  a  chual  iad 
gu'n  do  shiubhail  Niall  Ros,  ministear  cho 
gasda  agus  cho  turail  's  a  bha  againn  ann  an 
gin  de  na  Cleirean  Gaidhealach.  Shiubhail 
e  an  Dun-bheagain,  an  eilean  a  dhuthchais, 
gu  maith  aithghearr.  Bha  e  air  a  thiodh- 
lacadh  's  an  Ath-leathann. 

Rugadh  e  's  an  t-Srath  anns  an  eilean 
Sgitheanach  ;  bha  e  air  oileanachadh  an 
Cinn-ghiuthsaich  agus  an  Oilthigh  Ghlaschu, 
far  an  do  choisinn  e  M.A.  agus  B.D.  Bha 
e  air  a  shuidheachadh  ann  an  Bhatarnis  an 
1899  ;  a  Bhatarnis  chaidh  e  do  Ghleann- 
Comhann  an  1902  ;  a  Gleann  Comhann 
chaidh  e  do  Thobar-Mhoire  an  1908,  agus 
'n  a  dheidh  sin  do  Chill-a-rubha  an  He  an 
1913,  far  an  do  shaothraich  e  gus  an  do  leig 
e  dheth  obair  o  chionn  ghoirid.  0  chionn 
da  no  tri  bhliadhna chan  cha  robh  a  shlainte 
ro  mhaith. 

Duine  seimh  ciallach  'n  a  bhruidhinn  agus 
'n  a  obair  agus  'n  a  dhol  a  niach  ;  searmon- 
aiche  turail  a  b'fhiach  aire  a  thoirt  dha  ; 
agus  comhairliche  glic  ann  an  ciiisean 
saoghalta,  bha  meas  mor  air  mar  dhuine 
reusonta  agus  taiceil  anns  am  faodadh 
daoine  eile  earbsa  a  chur.  Bha  sith  agus 
rian  'n  a  ghuth  agus  'n  a  aodann. 

Bha  e  'n  a  sgoilear  maith  ;  tha  comharra- 
idhean  na  sgoUearachd  furasda  an  aith- 
neachadh,  agus  bha  na  comharraidhean 
sin  air  an  obair  a  thigeadh  o  lamh  Neill  Rois, 
beag  no  mor  'g  am  bitheadh  i.  Bha  e  maith 
air  sgriobhadh  GaidhUg  ;  cha  robh  gin  de 
na  ministearan  Gaidhealach  a  bhios  air 
uairean  a  sgriobhadh  anns  na  duiUeagan  so 
d'am  b'fhearr  a  b'aithne  an  smuaintean 
agus  am  briathran  a  chur  air  paipear  gu 
soilleir,  agus  gu  h-6rdail,  agus  gu  blasda. 
Bha  inntinn  ordail  aige  nach  biodh  a  leum- 
artaich  a  null  's  a  nail  ach  a  chumadh 
direach  daonnan  air  a  ciirsa,  agus  dh'fhao- 
dainn  a  r^dh  mu  na  sgriobhaidhean  a 
bhiodh  e  a  cur  thugam  ro  annamh  mar 
thuirt  an  t-OUamh  Mac  Iain  mu  bhiadh 
a  fhuair  e  air  a  thurus  do'n  Ghaidhealtachd 
agus  a  thaitinn  ris,  "  nach  biodh  e  'na  chiiis- 
ghearain  leis  an  seorsa  bidh  ud  fhaotainn  a 
ris  gu  luath." 

Cha  trom  leis  an  loch  an  lach, 
Cha  trom  leis  an  each  an  t-srian, 
Cha  trom  leis  a'  chaora  a  h-olann, 
'S  cha  truimid  a'   cholunn  a  ciall. 


Is  maith  an  rud  ciall,  agus  is  maith  an 
rud  ciuine,  agus  is  maith  an  t-srian  sgoil- 
earachd,  tri  tiodhlacan  a  thug  Dia  do 
Niall  Ros. 

Na  duilleagan  Gaidhlig 

SO  an  t-am  de'n  bhliadhna  anns  am  bi 
ministearan  agus  foirbhich  agus  deacoin  a' 
cur  chuisean  an  ordugh  air  son  obair  na  h-ath 
bhliadhna,  agus  tha  mi  an  dochas  gu'n  cuir 
iad  an  cviimhne  an  t-sluaigh  gu  bheil  na 
Duilleagan  Gaidhlig  so  a'  tighinn  a  mach  a 
h-uile  mios,  agus  gu'm  faod  neach  air  bith 
am  faotainn  anns  a'  Mhiosachan,  Beatha 
agus  Obair,  ma  thogras  e  an  iarraidh,  gun  dad 
a  bharrachd  a  phaigheadh  air  an  son.  Tha 
cho  beag  Gaidhlig  air  a  sgriobhadh  an  diugh 
's  nach  bu  choir  do  dhaoine  a  thuigeas  agus 
a  bhruidhneas  i  dearmad  a  dheanamh  air 
a  leughadh  an  uair  a  gheibh  iad  cothrom. 
Mur  dean  na  leughas  iad  air  na  duilleagan 
so  maith  dhaibh,  tha  mi  an  dochas  nach  dean 
e  cron  dhaibh. 

Bhithinn  an  comain  neach  air  bith  a 
chuireadh  thugam  seanchas  a  bu  mhaith 
leis  a  thoirt  am  foUais  air  cuspair  air  bith 
a  bhuineas  do'n  bheatha  djiiadhaidh,  no 
do'n  BhiobuU,  no  do  ni  air  bith  eUe,  eolas, 
no  eachdraidh,  no  fiosrachadh,  anns  am 
biodh  iiidh  aig  daoine  ciallach.  Ach  cha 
gheall  mi  gabhail  ri  rud  air  bith  a  tha  ann 
an  droch  lamh-sgriobhaidh.  Chan  'eil  facal 
Gaidhlig  aig  an  fheadhainn  a  bhios  a'  cur 
nan  duilleagan  Gaidhlig  an  clodh,  agus  cha 
bu  ghniomh  Criosduidh  e  rud  a  chur  'n  an 
laimh  a  bheireadh  orra  dol  a  mhionnachadh. 
"  Chan  fhaodar  nach  tig  oUbheuman,  ach 
is  an-aoibhinn  dhasan  troimh  an  tig  iad." 
Bu  mhaith  na'n  robh  na  briathran  so  air 
an  sgriobhadh  air  a'  bhalla  anns  a  h-uile 
tigh-sgoil  anns  an  diithaich.  * 

Tha  iomadh  bliadlma  o  nach  do  sgriobh 
mi  m'ainm  fhein  air  na  duilleagan  so,  air 
chor  agus  gu'm  faod  e  bhith  nach  'eU  fhios 
aig  moran  an  diugh  c6  a  tha  'g  an  deasachadh 
no  c'aite  am  faigh  litir  am  Fear-Deasachaidh. 
Ged  a  leig  mi  dhiom  eaglais  Bhlair  AdhoU 
cha  do  leig  mi  dhiom  a  bhi  a'  deasachadh 
nan  duilleagan  so, 

DOMHNULL   MacLaOMUINN, 

Old  Manse  of  Pilmuib, 
Haddington  . 

Eiridh  tonn  air  uisge  balbh 

Cha  do  bhruidhinn  mi  riamh  ris  an 
sgriobhaiche  ainmeil,  Niall  Mac-an-Rothaich, 
agus  tha  mi  an  diiil  nach  fhaca  mi  riamh  e, 
ach  bhithinn  a'  cluinntinn  o  dhaoine  a  bha 


AIG  AN  UINNEIG 


eolach  air  gu'm  bii  duiiie  e  a  bha  anabarrach 
seimh  agus  ciuin,  faicilleach  agus  curamach 
nach  goirticheadh  e  duine  eile,  agus  cho 
fiata  agus  narach  ri  maighdinn.  Ach  an 
raoir  chuir  rudeigin  a  sgriobh  e  am  facal  so 
'n  am  chuimhne,  Eiridh  tonn  air  uisge  balbh, 
facal  a  tha  a'  ciallachadh  gu'm  faod  daoine 
samhach  ciuin  mothar  a  thoirt  asda  le  feirg 
ma  dhiiisgear  iad,  agus  ionghnadh  a  chur 
ort  gu  robh  an  teine  agus  a'  chorruich  ud 
annta. 

An  uair  a  bha  am  fear  nach  maireann, 
Cosmo  Gordon  Lang,  Ard-easbuig  Chan- 
terbury,  a'  liubhairt  oraid  ann  an  Dun- 
eideann  mu  Sir  Walter  Scott,  thuirt  e  so, 

"  Na'n  ga;bhadh  tn  Leabhar  Aithghearr  nan 
Ceist,  na  Sailm,  agus  Sir  Walter  Scott, 
agus  na'm  measgadh  tu  iad  ri  cheile  ann 
am  brochan,  dh'araicheadh  tu  stoc  de 
dhaoine  laidir." 

Sin  na  briathran  a  chuir  an  fhearg  air 
Niall  Mac-an-Rothaich  ;  chuir  iad  a  leithid 
a  dh'orrais  air  's  nach  robh.  cail  aige  d'a 
bhraiceas.  Agus  'n  a  chorruich  ghabh  e 
do'n  Ard-easbuig  le  buailtean  daraich,  ag 
radh  na'n  robh  Mod  ann  aig  an  robh  duaisean 
air  an  toirt  seachad  air  son  amhlaireachd 
no  bumailearachd,  gu'm  faigheadh  Cosmo 
Gordon  Lang  a'  cheud  duals.  Eiridh  tonn 
air  uisge  balbh. 


Gun  teagamh  cha  do  thagh  an  t-Ard- 
easbuig  a  bhriathran  le  grinneas  no  finealtas, 
ach  air  a  shon  sin  thuigeadh  an  luchd- 
eisdeachd  gu  maith  ciod  a  bha  e  a'  ciallach- 
adh, agus  cha  saoileadh  iad  gu  robh  an  rud 
a  thubhairt  e  cho  maol  no  cho  neo-ealanta 
's  a  bha  e  ann  an  cluais  Mhic  an  Rothaich, 
a  bha  cho  ailleasach  mu  fhacail  agus  mu 
chainnt  's  gu'm  feumadh  a  h-uile  facal  a 
sgriobhadh  e  a  bhi  cho  liomhta  ri  claidheamh 
tir. 

B'fhearr  leam  an  aon  bhuille  a  thug  Niall 
Mac-an-Rothaich  do  Chosmo  Lang  le  farach- 
an  air  a  mhala  na  na  thug  e  dha  leis  a' 
bhuailtean,  oir  bha  buille  an  fharachain  cho 
cuimseach  agus  cho  glan  agus  cho  laidir 
's  nach  leigeadh  e  a  leas  te  eile  a  thoirt  dha. 
"  Ciod  a  theireadh  Sasunnaich,"  ars  esan, 
"  na'n  rachadh  Moderator  Eaglais  na  h- 
Alba  suas  do  Lunnainn  a'  liubhairt  oraid  aig 
cruinneachadh  a  bha  a'  cumail  cuimhne 
air  Iain  Ruskin,  agus  gu'n  abradh  e  so, 

"  Na'n  gabhadh  tu  Leabhar-ilrnuigh  na  h- 
Eaglais  Shasunnaich  agus  Laoidhean  Sean 
agus  Ur,  agus  Iain  Ruskin,  agus  na'm 
measgadh  tu  iad  ri  cheile  le  feoil-daimh  air 
a  roisteadh  agus  plum  pudding,  dh'airich- 
eadh  tu  stoc  de  dhaoine  laidir  orra," 

—  ciod  a  theireadh  na  Sasunnaich  1 


Leanabh  an  Aigh 


Agiis  rug  i  a  ceud-ghin  mic,  agus  phaisg  i 
i  'n  a  laighe  ann  am  prasaich  e,  do  bhrigh 

Leanabh  an  aigh 

x\n  leanabh  bh'aig  Mairi 

Rugadh  's  an  stabull 

Righ  nan  dril : 
Thainig  do'n  fhasach 
Dh'fhulang  'n  ar  n-Taite 
Son'  iad  an  aireamh  ■ 

Bhitheas  dha  dluth ! 


e  ann  am  brat-speilidh,  agus  chuir 
nach  robh  aite  aca  's  an  tigh-dsda. 

•  — Lucas  ii.  7. 

Cha  b'ionnan  's  an  t-Uan 
Thainig  'g  ar  fuasgladh 
Iriosal  stuama 

Ghluais  e  'n  ttis 
E  naomh  gun  truailleachd 
Cruithfhear  an  t-sluaigh 
Dh'eirich  e  suas 

Le  buaidh  o'n  tiir. 


Ged  a  bhios  leanaban 
Aig  righrean  na  talmhainn 
'N  greadhnachas  garbh 

'S  anabarr  miiirn 
'S  gearr  gus  am  falbh  iad 
'S  fasaidh  iad  anfhann 
An  ailleachd  'san  dealbh 

A'  searg'  'san  iiir. 


Leanabh  an  aigh 

Mar  dh'aithris  na  faidhean, 

'S  na  h-ainglean  ard 

B'e  miann  an  siil 
'S  e  's  airidh  ar  gradh 
'S  ar  n-urram  thoirt  dha 
Sona  an  aireamh 

Bhitheas  dha  dluth. 

Mairi   Nic  Dhomhnaill. 


i^n  'S$