Skip to main content

Full text of "Life and work 1948-1950"

See other formats


iSw't^:!' 


,i"#'.  '■':■.■■■ 
llii'':|:ii'fe- ''  ■■■■  . 


(.iv/i"':; 


m. 


I'iShi;--,!'!''/ 


wfi^t:;i^i 


'llill'' 


iSt;;':/:.';; 


MeoORQUOOALE  &  CO.  LTD. 
Oaxton  Works    •    Ciasgrow 

Kef.  No.  I     Datt  j         1    ^ 


(i).!*!....' iO-.:.-- u^CiAwViJy jQSS 


Digitized  by  the  Internet  Archive 

in  2011  with  funding  from 

internet  archive 


http://www.archive.org/details/lifework1948195000chur 


Aireamh  i 


1948 


Neach  a  b'aithne  do'n  Tighearna, 
aghaidh  ri  aghaidh 

Tha  m'dglach  Maois  marhh — loshua  i.  2. 
Air  dha  bhi  marbh,  tha  efathast  a',  labhairt — Eabh  xi.  4. 


CIOD  air  bith  an  t-slat-thomhais  leis  an 
toimhsear  e  tha  Maois  a'  seasamh  a  mach 
am  measg  dhaoine  eile  naar  aon  de  Mhaithean 
an  t-saoghail,  Urra  Mor-Mor  ma  bha  e  riamh 
ann.  Ged  tha  e  marbh  na  miltean  bliadhna 
tha  lamh  aige  an  diugh  fhathast  ann  an  nith- 
ean  a  tha  a'  dol  air  aghaidh  air  thalamh  cho 
cinnteach  's  a  bha  aige  a'  bhliadhna  a  chaoch- 
ail  e  ann  am  fearann  Mhoaib  gun  dol  a 
steach  do  thir  a'  gheallaidh. 

Tha  iomadh  ainm  agus  tiotal  a  bhiodh 
freagarrach  a  thort  dha  ;  Gaisgeach,  Diadhair, 
Saighdear,  Ard-riaghlair,  Fear-lagha,  Com- 
anndair,  ach  faodar  a  chliii  agus  a  bhuadhan 
fhigail  mar  dh'  fhag  a  shkiagh  fhein  e,  "  Cha 
d'eirich  faidh  0  sin  ann  an  Israel  cosmhuil 
ri  Maois,  neach  a  b'aithne  do'n  Tighearna, 
aghaidh  ri  aghaidh." — Deut.  xxxiv.  10. 

Ann  an  leabhraichean  an  t-Seann  Tiornn- 
aidh  anns  a  bheil  eachdraidh  Mhaois,  agus 
mar  a  choisinn  e  saorsa  d'a  shluagh,  air 
innseadh,  tha  na  daoine  naomh  a  sgriobh  i, 
agus  gun  dad  air  an  aire  ach  an  fhirinn  a 
rannsachadh  a  mach  gu  curamach,  a'  toirt 
dhuinn  beul-aithris  nan  ginealan  a  thaobh 
Mhaois  agus  aithrichean  eile  agus  eachdraidh 
Israeli  fada  fada  an  deidh  do  Mhaois  agus 
do  na  h-aithrichean  sin  a  bhi  marbh.  Co 
a  theireadh  gu  bheil  te  as  an  deich  de  na 
naidheachdan  a  tha  air  an  innseadh  mu 
Mhaighstir  Lachlainn,  Loch  Carrann,  fior 
anns  an  litir  luim,  no  co  a  theireadh  gu 
bheil  aon  as  a'  cheud  de  na  naidheachdan  a 
tha  Adamnan  ag  innseadh  mu  Chalum-cille 
fior  gu  litireil,  ach  air  a  shon  sin  tha  iad 
uile  fior  anns  an  t-seagh  cheart  oir  b'e 
sud  an  doigh  a  bha  aig  luchd-eachdraidh  an 
t-seann  t-saoghail  air  innseadh  dhuinn  ciod 
an  seorsa  dhaoine  a  bha  anns  na  h-Urracha 
Mora  air  a  bheil  iad  a'  deanamh  iomraidh  ;  a' 
cuartachadh  am  breith  agus  an  leanabachd, 
am  beatha  agus  an  obair  agus  am  bas  le 
miorbhuilean  is  ionghnaidhean.  Cha  bhiodh 
na  naidheachdan  sin  air  an  innseadh  umi 
idir  mur  biodh  eflor  gu'm  bu  daoine  mor-i 
iad,  a  bha  air  an  sonruchadh  gu  obair  mhrnffa 
dheanamh  arms  an  t-saoghal.  lu»l 


Cha  ruig  mi  a  leas,  ma  ta,  dad  a  radh  mu 
leanabachd  Mhaois,  mar  bha  e  air  fholach 
le  mh^thair  ann  am  bascaid  chuilce  aig 
bruach  na  h-aibhne,  mar  a  fhuair  nighean 
Pharaoh  e,  mar  bha  e  air  altrum  le  mhathair 
— sin  uile  a'  nochdadh  gu  robh  freasdal  an 
Tighearna  gu  miorbhuileach  'ga  chaomhnadh 
los  a  rtiintean  a  choimhlionadh. 

Sliabh  Horeb 

Ged  tha  e  air  a  radh  ann  an  aon  aite  gu 
robh  Maois  'na  dhuine  ro  chiuin,  thar  nan 
uile  dhaoine  air  aghaidh  na  talmhainn,  chan 
e  sin  idir  am  beachd  a  tha  cuid  eile  de'n 
eachdraidh  a'  toirt  dhuinn  uime,  ach  gu  robh 
a  nadur  cas  agus  fhuil  teth  agus  gu  robh  e 
deas  gu  dol  's  an  eadarginn  an  uair  a  chi- 
theadh  e  ana-ceartas  no  eucoir  air  an  dean- 
amh. Sin  a  chuir  a,s  an  Eiphit  e  gu  Midian, 
far  an  do  thoisich  cor  a  bhraithrean  anns  an 
Eiphit  air  burbanachadh  'n  an  inntinn  gus 
mu  dheireadh  an  robh  glaodh  an  gearain  'n 
a  chluais  a  la  agus  a  dh'oidhche,  agus  an 
robh  e  air  ullachadh  air  son  na  h-oibre  gus 
an  robh  Dia  'g  a  ghairm. 

Thainig  a'  ghairm  thuige  air  sliabh  Horeb 
far  an  d'fhoillsicheadh  dha  aingeal  an 
Tighearna  a  meadhon  pris.  "  Is  mise  Dia 
t'athar,  Dia  Abrahaim,  Dia  Isaaic,  agus  Dia 
lacoib,  chunn'aic  mi  amhghar  mo  shluaigh  a 
tha  's  an  Eiphit  agus  an  doilgheas,  agus  a 
nis  cuiridh  mi  thu  a  dh'ionnsuidh  Pharaoh, 
a  chum  agus  gu'n  toir  mi  a  mach  mo- shluagh 
as  an  Eiphit." 

Cha  b'ionghnadh  gu'n  do  mheataich  cridhe 
Mhaois  an  uair  a  chuimhnich  e  air  neart  agus 
cumhachd  Pharaoh  agus  air  laigse  agus  cor 
truagh  nan  daoine  a  bha  esan  ri  liubhairt  as 
a  laimh.  Ach  ma  tha  Dia  leinn,  c6  dh' 
fhaodas  a  bhi  'n  ar  n-aghaidh  ;  chiuinich  Dia 
an  t-eagal  a  bha  ann  an  cridhe  Mhaois,  ag 
radh  ris,  "  Sinidh  mise  a  mach  mo  lamh,  agus 
Jaidh  mi  an  Eiphit  le  m'  iongantasan 
ras  an  deidh  sin  leigidh  e  dhuibh  im 
eacH^'^S 

Cha\d'|huair  duine  riamh  air  an  t-saoghal 
obair  ilLAheanamh  a  bu  sgitheile  agus  a  bu 


m.' 


ANNS  A'  CHATHAIR 


deuchainniche  'n  an  obair  a  bha  Maois  air  a 
ceann.  An  diugh  chan  'eil  anns  an  Eiphit 
dhuinne  ach  "  Tir  na  daorsa,"  agus  tha  sinn 
daonnan  a'  smuaineachadh  air  Clann  Israeli 
mar  "  phobull  taghta  Dhe  "  alg  an  robh 
eolas  sploradall  a  bha  glan  agus  dealrach. 
Ach  anns  na  l^ithean  ud  cha  robh  ann  an 
Clann  Israeli  ach  meall  mor  thr^illean,  daoine 
gun  smear  gun  smuals  gun  smachd,  briste  'n 
am  bodhaig  le  obair  ghoirt,  agus  briste  'n 
an  spiorad  le  foireigin  Pharaoh,  daoine  gun 
dbthaich  gun  dochas  gun  sgoinn.  Sin  an 
sluagh  a  bha  aig  Maois  ri  theagasg  agus  ri 
smachdachadh  agus  ri  thre6rachadh  gus  am 
biodh  aonachd  'n  am  measg  mar  aon  naisinn, 
agus  creideamh  aca  gu  robh  fearann  agus 
oighreachd  a'  feitheamh  orra  a  gheall  Dia 
d'an  aithrichean.  Sluagh  ceannairceach  agus 
clann  rag-mhuinealach,  ach  fad  d^  fhichead 
bliadhna  anns  an  fh^sach  ghitilain  Maois 
le'n  leanabalachd  agus  le'n  eas-timhlachd 
agus  le'n  neo-thaingealachd  gu  glic  agus  gu 
faidhidneach,  a'  cumail  roimhe  daonnan  gu 
'm  b'e  an  obair  a  thug  Dia  dha  ri  dheanamh 
naisinn  l^idir  a  dheanamh  de'n  mheall 
sgaoilte  agus  luaineach  ud,  creideamh  agus 
gaol-diithcha  agus  aonachd  a  dhtisgadh  'n 
an  cridhe,  agus  fearann  is  dachaidh  a  thoirt 
dhaibh  mar  chinneach  saor. 

Geannard  uasal 

Bha  an  obair  trom  agus  an  t-shghe  fada, 
agus  gle  thric  cha  b'e  an  duals  a  b'fhearr  a 
thug  lad  dha  air  son  a  shaothrach  agus  a 
dhilseachd,  ach  cha  do  lixghdaich  sin  an  gaol 
a  bha  aige  air  a  dhaoine  fhein,  agus  cha  mho 
a  dh'fh^s  e  sgith  dhiubh.  An  d'thug  thu  an 
aire,  a  leughadair,  cho  trie  's  a  tha  am  facal 
so  a'  tachairt  ort  ann  an  eachdraidh  Mhaois, 
"  Agus  dh'eigh  Maois  ris  an  Tighearna." 
An  uair  a  bhiodh  e  ann  an  c^s  no  ann  an 
iom-chomhairle,  dheanadh  e  iirnuigh,  agus 
chan  'eil  ni  air  an  t-saoghal  as  cinntiche  na 
gu'n  toir  Dia  solus  agus  stiuireadh  do  dhaoine 
treibhdhireach  a  bhios  ag  urnuigh. 

Ach  ciod  tuilleadh  a  their  mi  mu'n  Chean- 
nard  uasal  so  a  bha  a'  seasamh  a  mach  ann 
an  dorchadas  an  t-seann  t-saoghail  mar 
Thigh-soluis,  oir  ghabhadh  e  1^  as  »deidh  1^ 


agus  oidhche  as  deidh  oidhche  a  dh'innseadh 
nan  nithean  eile  a  rinn  e,  am  foillseachadh 
ur  a  rinn  e  air  Dia  do  Israel,  na  cleachd- 
aidhean  aoraidh  a  chur  e  air  chois,  na 
smuaintean  naomha  agus  na  faireachd- 
uinnean  diadhaidh  a  chuir  e  'n  an  cridhe 
le  samhlaidhean  agus  deas-ghnathan,  ^irc 
a'  chiimhnanta,  pailliun  a'  choimhthionail, 
cathair  na  trocair,  eifeachd  fala,  agus  ro- 
naomhachd  an  ionaid  ro-naoimh.  Ann  an 
aoradh  Israeli,  b'e  a'  chrioch  ^raidh  a  bha 
aig  gach  dealbh  no  samhladh,  no  ball- 
earnais,  no  ^ideadh  nan  sagartan,  gu'm 
foghluimeadh  an  sluagh  gu  bbeil  Dia  naomh. 
"  Naomh,  naomh,  naomh,  an  Dia  uile- 
chumhachdach,  tha  an  talamh  uile  Ian  d'a 
ghloir."  Chuir  Maois  Creideamh  ur  air 
chois  anns  an  t-saoghal  mar  rinn  Criosd  agus 
Mohammed,  agus  is  ann  a  mach  as  an  stoc 
a  shuidhich  esan  a  th^inig  an  dithis  eUe. 

Chan  e  mh^in  gu'n  do  thog  e  Eaglais  agus 
Creideamh  air  bunait  nuadh  ach  chuir  e 
beatha  mhoralta  an  t-saoghail  air  bunaitean 
cbo  seasmhach  's  nach  d'fhaUnich  lad 
fhathast.  Tha  na  deich  aitheantan  cho 
airidh  air  iimhlachd  a  thoirt  dhaibh  an  diugh 
's  a  bha  lad  o  chionn  d^  mhile  bliadhna,  agus 
seasaidh  iad  gu  br^th.  An  uair  a  leughas  tu 
laghannan  agus  reachdan  Mhaois,  na  riagh- 
ailtean  a  rinn  e  mu  chuideachadh  nam  bochd, 
banntraichean  agus  dilleachdain,  ^na  riagh- 
ailtean  a  rinn  e  mu  bhiadh  agus  mu  ghloine,  - 
mu  cheartas  eadar  duine  agus  duine,  mu 
fhiachan  agus  mu  riadh,  agus  mu  cheud  rud 
eile  a  tha  an  diugh  an  lamhan  seachd  no 
ochd  de  Mhinistearan  a'  Chrtiin,  their  thu 
riut  fhein,  Ciod  a'  ghne  dhuine  so,  gu'n 
gitilaineadh  e  cilram  agus  obair  an  t-sluaigh 
uile  air  a  ghuaillean  ? 


M'  an  do  shiubhail  e  bheannaich  e  an 
sluagh,  agus  ghuil  clann  Israeli  air  a  shon 
deich  laitbean  ar  fhichead.  Bha  e  sia  fichead 
an  uair  a  shiubhail  e,  agus  tha  e  air  a  rkdh 
nach  d  'f h^ilnich  a  shtiil  agus  nach  mo .  a 
thr^ig  a  neart  e.  Laidir  'n  a  bhodhaig  agus 
'n  a  inntinn  agus  'n  a  spiorad  gus  an  Ik  mu 
dheireadh . 


Anns  a'  Chathair 


AN  uair  a  leughas  tu  anns  na  paipearan- 
naidheachd  gu  robh  suas  ri  leth-cheud  mile 
caraid  phosda  air  an  dealachadh  o  cheile 
ann  am  Breatunn  an  uiridh  a  chionn  gu'n 
do  bh^saich  an  gaol  a  bha  aca  air  a  cheile 
(oir  is  e  sin  as  aobhar  gu  bheil  uiread 
phosaidhean  gun  sonas),  tha  mi  cinnteach 


nach  misd  leat  an  naidheachd  bheag  so  a 
chluinntinn  mu  charaid  ghaolach  ann  an 
aon  de  na  h-Eileanan  an  lar,  iasgair-ghiom- 
ach  agus  a  bhean  nach  do  leig  le  teine  an 
ceud-ghr^idh  dol  as  'n  an  cridhe  riamh. 

Cha  robh  a  bheag  de'n  t-saoghal  aca,  ach 
bha  tigh  beag  grinn  aca  ri  taobh  a'  chladaich, 


ANNS  A'  CHATHAIR 


biadh  agus  aodach,  sith  agus  sonas,  agus 
ciod  an  corr  a  dh'  iarradh  duine  no  bean 
ach  a  mh^in  gu'n  tugadh  Dia  dhaibh  sliochd. 
Thug  Dia  sin  dhaibh,  triiiir  chaileagan  agus 
aona  mhac,  ach  ged  a  shiubhail  na  caileagan 
m'an  do  rainig  gin  dhiubh  dusan  bhadhna 
cha  do  rinn  am  bron  agus  an  call  a  th^inig 
orra  ach  cridheachan  na  caraid  ud  a  ohean- 
gal  na  bu  dltiithe  ri  cheUe  na  bha  iad 
riamh. 

Bhiodh  an  dithis  eile  a  bha  ag  iasgach 
comhla  ri  Lachlainn  Mac  Ph^idein  ag  radh 
gur  gann  a  dh'fhanadh  e  ris  na  giomaich 
a  chunntas,  an  uair  a  bhiodh  iad  a'  ceangal 
an  spoga  mora  agu,s  'g  an  cur  anns  na 
bocsaichean  aig  an  Staca,  an  Loch  Sgibinnis, 
leis  a'  chabhaig  a  bhiodh  air  a  dh'fhaotainn 
dhachaidh  gu  Ceit  agus  fhios  aige  cho  trom 
's  a  bhiodh  a  cridhe  fad  an  latha  leatha 
fhein,  ag  ionndrainn  nan  caileagan.  Bha 
Ceit  mar  sin  uime-san  cuideachd  ;  cha  b'ann 
oirre  fhein  no  air  a  cor  fhein  a  bhiodh  i  a' 
smuaineachadh  ach  air  Lachlainn,  agus  a 
h-uUe  feasgar,  an  uair  a  chitheadh  i  a' 
gheola  a'  tighinn  gu  tir,  rachadh  i  'n  a 
chomhdhail  agus  aoibh  air  a  h-aodann,  a' 
deanamh  gach  rud  a  b'urrainn  i  a  dheanamh 
a  thogail  'inntinn  o'n  dubhachas  a  laigh 
oirre  le  b^s  na  cloinne. 

Droch  bhalach 

Tha  iomadh  rud  as  miosa  na'm  b^s ; 
chuir  am  briseadh-duil  agus  an  goirteas- 
cridhe  a  thug  an  aona  mhac  dhaibh  has 
nan  caileagan  as  an  cuimhne.  Cha  robh 
ann  ach  fior  dhroch  bhalach  o  'oige,  agus 
mu'n  d'fh^g  e  a  bhliadhnacha-deug  as  a 
dheidh  bha  e  da  uair  ann  am  priosan  an 
Obain ;  uair  air  son  bicycle  a  ghoid,  agus  an 
uair  eile  air  son  coig  gallain  phetrol  a  ghoid 
o'n  Cheidhe.  Reic  e  am  petrol  ri  fear-Gallda 
anns  a'  Mhointich  aig  an  robh  seana  mhotor- 
car,  agus  an  oidhche  sin  fhein  dh'61  e  na 
fhuair  e  air  a'  phetrol  ann  an  shebeen  am 
Baile-Mh^rtainn.  Cha  robh  athair  no  m^th- 
air  riamh  na  bu  ghaolaiche  air  am  mac  na 
bha  Lachlainn  agus  Ceit,  ach  cha  bu  mhotha 
leis  an  gaol  agus  an  saichar  a  bha  air  a 
bhrogan.  Am  bitheantas  tha  rudeigin  grinn 
eadhon  ann  an  daoine  amaideach,  ach  cha 
robh  dad  grinn  no  laghach  anns  an  oganach 
ud  ;  bha  an  t-olc  anns  an  smior-caillich  aige  ; 
bha  e  cho  eu-coltach  ri  pharantan  's  nach 
b'urrainn  daoine  a  thuigsinn  co  bhuaith  a 
thug  e  na  ruidhleachan  a  bha  ann  agus 
olcas  a  n^duir. 

Uair  a  bha  mi  fhein  agus  boirionnach  glic 
anns  a'  choimhearsnachd  a'  bruidhinn 
uime  thuirt  i  gu  robh  fhios  aice-se  gle  mhaith 


CO  bhuaith  a  thug  e  a  dhroch  stUean  ;  gu'n 
d'thug  e  iad  o  shin-seanair  Ceit,  "  Cha  b'e 
cheannach  a  rinn  e,"  ars  ise,  "  chan  'eil 
ann  ach  na  ceart  ruidhleachan  a  bha  na 
shin-shin-seanair."  An  uair  a  thuirt  mi 
rithe  gu  robh  an  duthchas  sin  gu  maith  fada 
mach,  is  e  a  thubhairt  i,  Ruigidh  an  dhthchas 
gus  an  fhicheadamh  gltm. 

Bhiodh  e  a'  maoidheadh  air  a  pharantan 
gun  sgur  gu  robh  e  a'  dol  'g  am  f^gail ;  gu'm 
bu  mhaith  leis  an  saoghal  fhaicinn  agus  dol 
a  dh'Astralia.  Chaidh  moran  d'a  sheorsa 
a  dh'Astralia  an  aghaidh  an  toile,  ach  ged 
nach  b'fhe^rr  esan  na  iad  sin,  is  ann  le  thoil 
fhein  a  bha  e  air  son  dol  ann.  Cha  robh 
Lachlainn  no  Ceit  air  son  a  leigeil  air  falbh, 
ach  mu  dheireadh,  air  chomhairle  da  no  tri 
de  dhaoine  grunndail  ris  an  do  bhruidhinn 
iad  uime,  dh'aontaich  iad  an  cead  agus  am 
beannachd  a  thoirt  dha  agus  airgiod-aiseig 
a  bheireadh  do  Sydney  e. 

Eaglais  an  Naoimh  Aindreas 

Is  ann  ris  a'  mhinistear,  Maighstir  Uilleam, 
duine  glic  agus  duine  pongail,  a  dh'earb 
iad  gach  ni  a  bha  ri  dheanamh  m'an  rachadh 
e  air  bord  a'  bhata  anns  an  do  sheol  e  a 
Glaschu.  Ach  rinn  am  ministear  tuilleadh 
is  sin  ;  sgriobh  e  gu  ceithir  no  coig  a  b'aithne 
dha  ann  an  Sydney,  ag  iarraidh  orra  a  bhi 
coibhneil  ri  Calum  Mac  Ph^idein,  Albannach 
6g  air  aineol,  agus  gheall  a  sheana  chompan- 
ach  ann  an  Oilthigh  Ghlaschu,  ministear 
Eaglais  an  Naoimh  Aindreas,  an  Sydney, 
gu'n  cuireadh  e  fios  an  dr^sd  's  a  ris  gu 
Maighstir  Uilleam  ciamar  a  bha  a  charaid 
6g  a'  faotainn  air  aghaidh. 

An  uair  a  dh'fhalbh  Calum  chaill  Lach- 
lainn agus  Ceit  an  sunnd,  agus  cha  mhor 
nach  do  chaill  iad  an  catnnt,  oir  bha  an 
cridhe  an  ceangal  ris.  Bha  iad  mar  dhaoine 
ann  an  ceo,  gun  chairt  gun  chombaist  aca 
anns  an  dorchadas  ach  am  macantas  diadh- 
aidh  a  bha  annta  gu  nadurra  agus  an  gaol 
a  bha  aca  air  a  cheile. 

Ach  an  uair  a  thoisich  htrichean  air 
tighinn  a  Astralia  agus  naidheachd  mhaith 
annta  mu  Chalum  ;  gu'n  d'fhuair  e  obair 
agus  gu'n  robh  e  a'  toirt  an  aire  dha  fhein, 
a'  seachnadh  tighean-oil  is  droch  chompan- 
aich  thog  Lachlainn  agus  Ceit  orra  agus 
thainig  iad  bed  as  iir,  mar  gu'm  biodh 
fichead  bliadhna  dan  aois  air  a  thogail 
dhiubh.  "Mar  uisgeacha  fuar  do'n  anam 
thartmhor,  mar  sin  tha  deagh  sgeul  4  tir 
chein." 

Ach  an  ceann  tri  bliadhna  thainig  litir 
a  Astralia  a  dh'ionnsuidh  a'  mhinisteir,  ag 
iarraidh  air  innseadh  do  pharantan  Chaluim 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Mhic  Phaidein  gu  robh  am  mac  air  a  mharbh- 
adh  le  Eadailteach  a  chuir  an  sgian  ann,  an 
deidh  dhaibh  a  bhi  air  an  cm*  a  'mach  a 
tigh-oil  agus  an  dithis  aca  air  an  daoraich. 

Cas  cruaidh 

Cha  robh  e  furasda  do  Mhaighstir  Uilleam 
naidheachd  cho  searbh  agus  cho  bronach 
innseadh  do  pharantan  gaolach,  ach  eadar 
a'  chaomhalachd  n^durra  a  bha  ann  fhein 
agus  an  truas  a  bha  aige  ris  a'  ch^raid  uasal 
agus  mheasail  ud,  chuir  e  an  dreach  a  b'fhearr 
a  b'urrainn  dha  air  an  fhirinn  luim.  Bhruidh- 
inn  e  ri  Lachlainn  an  toiseach  leis  fhein, 
m'an  innseadh  iad  le  cheile  an  sgeul-bhroin 
do  Cheit,  ach  an  uair  a  thainig  Lachlainn 
thuige  fhein,  an  deidh  dha  a  bhi  balbh  coig 
mionaidean  le  goirteas  na  buUle  a  fhuair 
e  agus  gujQ  dull  rithe,  is  e  a'  cheud  fhacal  a 
thubhairt  e,  "A  mhinisteir,  am  biodh  e 
cearr  dhuinn  so  a  chumail  o  Cheit.  Chan 
'eil  i  gu  maith  o  chionn  da  mhios  agus  air 
uairean  bidh  eagal  orm  nach  bi  i  fada  agam, 
ach  tha  i  cho  sona  mu  Chalum  agus  mar 
bha  dol  dha  ann  an  Sydney  's  gu'n  cuireadh 
e  crioch  oirre  na'n  innseamaid  dhi  gu  bheil 
e  marbh." 

'S  ann  mar  sin  a  rinn  iad  ;  cha  robh  fhios 
aig  a'  mhinistear  cia  dhiubh  a  bha  e  ceart 
no  cearr  dha  bas  a  mic  a  chleith  air  a  mha- 
thair,  ach  ged  is  e  "  breug  gheal  "  no  "  sgiol- 
mag  gun  chron  "  a  bhios  aig  daoine  air  an 
t-seorsa  bhreige  so,  cha  b'fhada  gus  an 
d'fhuair  e  a  mach  gu'm  feum  aon  bhreug 
breug  eile  a  chumail  taic  rithe,  agus  gu'm 
feumadh  esan  dtibailteachd  a  chleachdadh 
nach  robh  idir  nadurra  dha.  B'fheudar  dha 
litrichean  a  sgriobhadh  mu  Chalum  agus 
'g  a  mholadh,  mar  gu'm  biodh  iad  air  an 
sgriobhadh  le  cudeigin  de  na  h-eolaich  a 
bha  aige  ann  an  AstraKa. 

Bhiodh  Lachlainn  air  son  an  seomar 
fhagaU  an  uair  a  thoisicheadh  am  ministear 
air  te  de  na  litrichean  ud  a  leughadh  ach  cha 
leigeadh  Ceit  leis,  oir  cha  bu  mhaith  leatha 
gu'n  cailleadh  e  aon  fhacal  de'n  mholadh  a 
bha  daoine  olidteach  ann  an  Sydney  a' 
deanamh  air  am  mac. 

Neul  a'  bhais 

An  sin  dh'fhas  Ceit  na  bu  mhiosa,  gun 
fois  a  la  no  dh'oidhche  o'n  chasdaich  a  bha 
a'  sgaineadh  a  cleibh.  Am  feasgar  a  chunnaic 
Lachlainn  na  cearcaill  dhubha  a  bha  m'a 
siiilean,  agus  sg^Uean  a'  bh^is  a'  deanamh 
a  h-aodainn  glas  agus  tana,  chuir  e  fios 
air  a'  mhinistear.  Rinn  am  ministear 
iirnuigh  ri  taobh  a  leapa,  agus  anns  an  t- 
s^mhchair  a  thuit  air  an  triiiir  aca  thainig 


an  smuainn  'n  a  inntinn  gu'm  biodh  e  'n 
a  lorg  dhi  a'  dol  sios  do'n  ghleann  dhorcha 
na'n  innseadh  e  dhi  gu  robh  Calum  air  a 
rathad  dhachaidh  a  Astralia  ;  nach  cumadh 
rud  air  an  t-saoghal  bho  athair  agus  bho 
mh^thair  e  an  uair  a  chlial  e  gu  robh  a 
mh^thair  ttnn. 

Ach  cha  do  leig  Maighstir  Uilleam  a  leas 
an  smuain  sin  a  chur  an  gniomh  ;  ann  an 
guth  iosal  dh'iarr  i  air  Lachlainn  i  fhein 
agus  am  ministear  fhagail  leo  fhein  greis 
bheag.  An  uair  a  chaidh  esan  a  mach 
as  an  t- seomar,  sheall  i  air  a'  mhinistear  gu 
diir  is  thuirt  i  ris,  "  An  toir  Dia  maitheanas 
do  bhoirionnach  bochd  peacach  a'  fagail 
an  t-saoghail  agus  breug  'n  a  siiilean  agus 
'n  a  gniomh  agus  air  a  h-aodann  ged  nach 
'eil  i  air  a  bUean  ? 

Dh'fhan  am  ministear  'n  a  thosd,  agus 
gun  fhios  aige  ciod  a  bha  i  a'  ciallachadh, 
ach  chaidh  i  air  a  h-aghaidh  is  thuirt  i  ris 
ann  an  guth  a  bu  laidire,  "  Tha  mi  fada  'n 
'ur  comain,"  ars  ise,  "  air  son  'ur  coibhneis  ; 
gu'n  do  chum  sibh  o  Lachlainn  naidheachd- 
bais  ar  mic.  Fad  na  h-iiine  bha  fhios  agam- 
sa  gu  maith  gur  ann  a  mhealladh  Lachlainn 
a  bhiodh  sibh  a'  leughadh  nan  litrichean 
feall  agus  fuadain  ud,  ach  bha  mi  cho 
toilichte  'n  am  chjidhe  air  son  an  rud  a 
rinn  sibh  air  sgath  Lachlainn  's  gu  bheil  mi 
a'  toirt  dhuibh  maitheanais  agus  mo  mhile 
beannachd,  co  dhiubh  a  gheibh  mi  fhein 
maitheanas  o  Dhia  no  nach  faigh." 

Chaidh  am  ministear  'n  a  cheo  agus  'n 
a  bhreislich,  ach  an  ceann  greis  dh'fhoighnich 
e  ciamar  a  fhuair  i  fios  mu  Chalum.  "  O, 
ghraidhean,"  ars  ise,  "  Ciod  nach  'eil  fhios 
aig  cridhe  mathar  air  mu  mhac  a  cuim, 
ach  gun  a  bhi  a'  tighinn  thairis  idir  air  na 
tha  Dia  a'  toii't  d'a  shluagh  'n  an  cadal, 
a  bheU  sibh  an  diiU  gu  robh  mise  gun  charaid 
a  bhi  agam  an  Astralia,  caraid  a  bhiodh  a 
sgriobhadh  gu  caraid  eUe  an  taobh  so.  Cha 
b'ann  thugam-sa  a  bhiodh  na  litrichean  a' 
tighinn,  air  eagal  gu'n  cluinneadh  Lachlainn 
e,  na'm  biodh  Calum  a'  deanamh  dad  cearr. 

Dh'fhas  a  h-anail  goirid,  agus  chunnaic 
am  ministear  gu  robh  i  sgith  leis  a'  bhruidhinn 
a  rinn  i.  Dh'eirich  e  is  ghairm  e  Lachlainn 
agus  dh'fhag  e  iad  leo  fhein.  An  oidhche  sin 
fhein  shiubhaQ  i. 

Tha  an  naidheachd  so  a'  togail  ceist 
no  dha  air  am  faod  an  fheadhainn  a  leughas 
i  cnuasachadh,  agus  a  fhjeagairt  air  an  son 
fhein  mu  fhirinn  agus  mu  fhireantachd,  mu 
bhreugan  agus  mu  mhealtaireachd,  mu 
ghaol  agus  nithean  a  bheir  gaol  air  daoine 
a  dheanamh. 


FO  CHRAOIBH  SHEUDAIR 


Cia  dhiubh  as  miosa  dhuit  breug  innseadh 
le  d'bheul  no  le  d'shtiil  ? 

A  bheil  a  leithid  de  ni  ann  agus  breug  lorn, 
no  an  fhirinn  lorn,  gun  an  dath  a  bhi  an  urra 
ris  na  daoine  a  tha  'g  an  labhairt  agus  'g 
an   cluinntinn  ? 

Ach  ciod  air  bith  binn  a  bhios  daoine  a' 


toirt  air  each  a  cheile  tha  so  fior,  agus  bidh 
e  fior  gu  br^th, 

x\ir  neamh  is  talamh,  feadh  gach  cian, 
sior  rioghaichidh  eaomh  sheirc  ; 

Tr^th  sguireas  teangadh  's  fiosachd  F^idh, 
buan-mhairidh    Gradh    gun    cheisd. 


Fo  Chraoibh  Sheudair 


GED  tha  corr  agus  bliadhna  o  nach  do 
shearmonaich  mi  ann  an  ciibaid,  leis  a' 
chleachdadh  bithidh  mi  fhathast  a'  dol  thairis 
'n  am  inntinn  fhein  a  h-uile  seachduin  air 
cinn-theagaisg  air  am  bu  mhaith  leam  bruidh- 
inn  air  an  t-S^baid.  Na'n  robh  mi  ri  bhi  a' 
searmonachadh  air  a'  cheud  Shabaid  de'n 
Bhliadhn'  Uir  tha  mi  an  diiil  gu'm  bu 
mhaith  leam  na  briathran  ud  a  labhair  Pol 
ris  an  eaglais  aim  an  Philipi  a  chur  an 
cuimhne  a'  choimhthionaU,  chan  ann  gu  bhi 
'g  am  mineachadh  no  a'  leudachadh  orra  ach 
mar  dheagh  chomhairle  a  tha  feumail  dhuinn 
uile  bho  thoiseach  gu  deireadh  na  bliadhna — 

"Fa  dheoidh,  a  hhraithrexin,  ge  Ve  nithean tha 
fior,  ge  b'e  nithean  tha  urramach,  ge  b'e  nithean 
tha  ceart,  ge  b'e  nithean  tha  fior-ghlan,  ge  b'e 
nithean  tha  ion-ghradhach,  ge  b'e  nithean  tha 
ion-mholta  ;  ma  tha  deagh-bheus  air  bith  ann, 
ma  tha  moladh  air  bith  ann,  smuainichibh  air 
na  nithean  sin." — Phihp  iv.  8. 

Ged  nach  'eil  briathran  Phoil  air  an  cur  an 
Gaidhlig  cho  snasmhor  's  a  dh'  fhaodadh  iad 
a  bhith  tha  e  furasda  gu  leoir  a  thuigsinn 
ciod  a  tha  e  a'  ciallachadh  ;  tha  e  ag  iarraidh 
air  muinntir  na  h-eaglais  ud  nithean  salach 
agus  suarach  a  leigeil  as  an  aire,  agus  an 
cridhe  a  shocruchadh  air  na  nithean  a  tha 
urramach  agus  beusach. 

Litreachas  uasal 

An  am  a'  chogaidh  chuir  cuideigin  leabhar 
thugam  mar  thiodhlac-Nollaige  anns  an  robh 
smuain  shonruichte  air  a  cur  sios  mu  choinn- 
eamh  gach  la  o  thoiseach  gu  deireadh  na 
bhadhna,  rann  bardachd  no  facal  briogh- 
mhor  as  na  sgriobhaidhean  aig  daoine  ain- 
meil ;  Plato,  Tomas  a  Kempis,  Winston 
Churchill,  an  t-Ollamh  Mac  Iain,  Pascal,  an 
Deadhan  Inge.  Bha  an  leabhar  air  a  chur 
ri  cheile  a  chumail  misneach  agus  cridhe  an 
t-sluaigh  laidir  le  bhi  a'  cur  firinnean  mora 
seasmhach  'n  an  cuimhne  am  measg  thach- 
artasan  laitheil  a  dh'fhaodadh  a  bhi  dol  'n 
an  aghaidh. 

Ann  an  stri  ar  beatha  agus  ann  an  saothair 
an  la  tha  cobhair  agus  solus  a'  tighinn 
thugainn  a  iomadh  aird,  o  shuas  agus  o  shios 


o  Dhia  agus  o  dhaoine,  ach  am  measg  gach 
rud  eile  a  bu  choir  dhuinn  Dia  a  mholadh  air 
a  shon  bu  choir  dhuinn  a  mholadh  air  son 
litreachas  uasal  ar  dilthcha  fhein  (Beurla 
agus  Gaidhlig)  anns  a  bheil  dealbhan  agus 
smuaintean  agus  faireachduin  a  bheireadh 
dhuinn  togail- cridhe  agus  misneach  agus 
creideamh  agus  dochas  an  uair  a  bhiodh 
feum  againn  orra,  na'n  robh  sinn  cho  glic 
agus  gu'n  d'ionnsaich  sinn  cuid  mhaith 
de'n  litreachas  sin  'n  ar  n-6ige.  Ma  tha  inn- 
tinn duine  falamh  ciod  is  urrainn  Dia  fein  a 
dheanamh  ris  ?  oir  is  ann  air  na  nithean  a 
tha  cheana  anns  an  inntinn  a  dh'oibricheas 
an  Spiorad  Naomh  ann  an  gnothuch  air  bith 
a  tha  aige  ri  anam  an  duine.  Is  e  aon  de  na 
h-aobhair  nach  'eil  a',  bheatha  dhiadhaidh 
cho  laidir  's  a  bu  mhiann  leinn  anns  an  eaglais 
an  diugh,  nach  'eil  Facal  an  Tighearna  ann 
an  inntinn  dhaoine,  oir  is  e  am  BiobuU  an 
gual  as  am  fadaidh  an  Spiorad  Naomh  an 
teine  beo. 

An  uair  a  bha  mi  anns  an  sgoil  agus  anns 
a'  Cholaisd  dh'ionnsaich  mi  iomadh  rud  nach 
robh  gu  moran  feuma  dhomh  an  deidh 
laimhe  (ach  a  mhain  gu'm  faod  gu'n  do  rinn 
liith-chleasan  na  sgoUearachd  m'inntinn  rud 
beag  na  bu  shubailte)  ach  cha  d'ionnsaich  mi 
riamh  litreachas  uasal  air  mo  theangaidh, 
gu  sonraichte  bardachd,  nach  robh  'n  a 
sholas  agus  'n  a  chtil-taic  agus  'n  a  mheadhon- 
grais  dhomh  uile  laithean  mo  bheatha.  A 
mach  o'n  chobhair  agus  o'n  neart  a  thig  o 
mhinistrealachd  dhiomhair  an  Spioraid 
Naoimh,  no  o  ghaol  agus  o  chompanas 
dhaoine  a  tha  a'  fuireach  comhla  ruinn, 
chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  cinntiche 
a  chumas  daoine  air  an  casan  jia  litreachas 
uasal  anns  a  bheU  nithean  urramach  agus 
maiseach  agus  beusach  air  an  ardachadh, 
agus  air  an  cur  fa  chomhair  na  h-inntinn 
ann  an  doigh  a  tha  'g  an  deanamh  ion- 
mhiannaichte. 

Nach  bu  mhaith  an  gnothuch  na'n  robh  a' 
chuid  as  fhe^rr  de  na  Sailm,  agus  Laoidhean 
a'  Bhiobuill  uile,  air  meamhair  gach  balaich 
agus  caileig  arms  a'  Ghaidhealtachd  gu 
gleidhteach  m'am  fagadh  iad  an  sgoil ; 
Na'n    robh,    bhiodh    saoibhreas    mor    aca, 


6 


FO  CHRAOIBH  SHEUDAIR 


companach  'n  an  cois  daonnan  a  dheanadh 
an  t-slighe  cho  goirid  agus  an  ceum  cbo 
14idir  's  gu'm  fasadh  Gleann  Bh^ca,  no  eadhon 
Mointeaeh  Mhor  Bharabhais,  mar  Elim  no 
mar  lotpat,  fearann  gorm  anns  an  robh 
sruthain  agus  tobraichean  uisge.  Is  maith  an 
companach  Daibhidh  air  oidhche  dhorcha. 

Ann  an  obair  ar  beatha,  cia  dhiubh  a  tha 
ann  ar  cuisean  saoghalta  no  ar  beatha 
dhiadhaidh,  tha  am  fear  a  tha  buan-leanailt- 
each  daonnan  a'  dol  air  thoiseach  air  an  fhear 
a  sgithicheas,  oir  is  e  esan  a  bhuanaicheas 
chum  na  criche  a  bhios  air  a  chrunadh.  Mar 
sin  chan  fhaod  sinn  ar  crioch  4raidh  a  leigeil 
as  an  t-sealladh  uair  ar  bith,  oir  ma  bhios 
sinn  gun  Dia  bidh  sinn  gun  dochas  mar  an 
ceudna,  no  ma  dh'fhasas  sinn  mi-churamach 
m'ar  treibhdhireas,  no  m'ar  facal,  no  m'ar 
n-onoir  agus  ar  cKii,  cha  bhi  an  t-sith  no  an 
neart  againn  'n  ar  coguis  a  tha  aig  an  duine 
mhaith  daonnan. 

Guidheachan  maithe 

Aig  an  ^m  so  de'n  bhhadhna  bidh  sinn  a' 
guidhe  nithean  maithe  do  chach  a  cheile,  ach 
tha  fhios  againn  nach  urrainn  dhuinn  na 
nithean  as  fhearr  a  thoirt  dhaibh  ach  ann  an 
tomhas  beag,  oir  is  e  na  nithean  as  fhearr 
neart  agus  misneach  agus  faidhidinn  agus 
coguis  bheo,  nithean  nach  urrainn  dhuit  a 
thoirt  eadhon  do  na  daoine  as  docha  leat 
air  cho  mor  's  'g  am  bheil  feum  aca  orra. 
Ach  is  urrainn  dhuinn  a  bhi  coibhneil  agus 
faireachail  riu,  a'  leigeil  fhaicinn  dhaibh  gu 
bheil  gaol  agus  meas  againn  orra,  oir  mar  is 
trice  chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  luaithe 
a  chuireas  misneach  ann  an  duine  na  fhios 
a  bhi  aige  gu  bheil  meas  aig  daoine  eile  air 
agus  gu  bheil  earbsa  aca  ann. 

An  la  roimh  bhi  mi  a'  leughadh  an 
leabhair  a  sgriobh  am  boirionnach  banail, 
Annie  S.  Swan,  m'a  beatha  agus  m'a  h- 
obair  fhein,  anns  a  bheil  i  ag  innseadh 
mu'n  mhisnich  a  fhuair  i  o  dhaoine  son- 
ruichte  gu  dol  air  a  h-aghaidb  a'  sgriobhadh, 
le  facal  coibhneil  no  moltach  a  thuirt  iad 
rithe  mu  fhear  air  choreigin  d'a  leabhraich- 
ean.  Nach  trie  a  dh'fhaodamaid  facal  de'n 
t-seorsa  sin  a  radh  ri  cuid  d'ar  luchd-eolais 
a  bhiodh  toilichte  fhios  a  bhi  aca  gu  robh 
tiidh  againn  'n  an  obair!  Ach  dh'fhan  sinn 
samhach  is  chaidh  an  cothrom  seachad.  Bha 
uiread  eagail  oirnn  gu'n  saoileadh  iad  gu 
robh  sinn  brosgulach  's  gu'm  b'fbearr  letnn 
gun  dad  a  r^dh.  Ach  mar  is  sine  tha  mi  a' 
f^s  is  ann  is  cinntiche  tha  mi  nach  gabh 


daoine  mUleadh  le  moladh,  agus  misneach  a 
thoirt  dhaibh.  Faodaidh  tu  daoine  diiiid  a 
mheatachadh  le  facal  fuar,  no  cas,  no  magaU, 
ach  tha  ni-eigin  ann  an  nadur  mhic  an  duine 
cho  glan  agus  cho  fallain  's  nach  gabh  e  mil- 
leadh  le  coibhneas  agus  moladh. 

Anns  na  laithean  anns  an  robh  ciiisean  a' 
dol  'n  ar  n-aghaidh  anns  a'  chogadh  b'e 
aon  de  na  smuaintean  a  bha  air  an  cur  sios 
anns  an  leabhar  ud  mar  chuibhrionn  freagar- 
rach  air  son  an  ama  am  facal  so  a  fear  de  na 
leabhraichean  eachdraidh  a  sgriobh  Seumas 
Anthony  Froude,  "  Aon  ni  tha  eachdraidh 
an  t-saoghail  ag  innseadh  agus  ag  ath- 
innseadh  gun  sgur  gu  bheil  bunaitean  an  t- 
saoghail  air  an  suidheachadh  air  prionnspalan 
moralta  a  tha  buan-mhaireannach  air  chor 
agus  mar  tha  am  Biobull  ag  radii,  gur  maith 
a  dh'eireas  do'n  ionracan  air  a'  cheann  mu 
dheireadh,  ach  cha  mhaith  a  dh'eireas  do'n 
aingidh."  Chan  'eil  crioch  aig  innleachdan 
agus  cuilbheartan  an  duine  ach  tha  am  facal 
mu  dheireadh  aig  Dia. 

An  inntinn  fhalamh 

Ann  an  aon  de  chosmhalachdan  Chriosd 
tha  e  ag  innseadh  mu  thigh  as  an  robh 
spiorad  neo-ghlan  air  a  chur  a  mach,  agus  an 
tigh  air  a  sguabadh,  ach  a  chionn  gu  robh  e 
air  fh^gail  falamh  thainig  an  droch  spiorad 
air  ais  agus  seachd  eile  a  bu  mhiosa  na  e 
fhein  comhla  ris.  Tha  an  inntinn  fhalamh 
luaineach,  agus  b'fhearr  do  dhuine  fiabhrus 
ping-pong  fhein  a  ghabhail  na  bhi  gun  dad 
aige  a  thiirngeas  'aire  agus  'uidh.  Tha 
buaraidhean  am  bitheantas  a'  tighinn  thug- 
ainn  an  uair  a  tha  a'  bhodhaig  diomhain  agus 
an  inntinn  falamh,  ach  is  e  an  armachd  as 
fhearr  'n  an  aghaidh,  obair  agus  gaol  air 
nithean  urramach  agus  uasal. 

Chan  'eil  e  glic  dhuinn  a  bhi  a'  smuaineach- 
adh  tuilleadh  's  a  choir  mu  bhuaireadh  no 
mu  pheacadh  eadhon  ann  an  iirnuigh  ; 
b'fhearr  dhuinn  ar  n-aire  a  tharruing  air 
falbh  uapa  uile  gu  leir,  agus  ar  smuaintean, 
a  shocruchadh  air  Criosd,  oir  cho  luath  's  a 
chuimhnicheas  sin  airsan  tha  a  dhealbh  ag 
eirigh  fa  chomhair  ar  n-inntinn,  neach 
naomh  agus  uasal  a  chuireas  ainm  agus 
a  dhealbh  ruaig  air  smuaintean  faoine,  salach, 
peacach.  Ann  a  bhi  a'  smuaineachadh  air 
Criosd  tha  sinn  a'  cuimhneachadh  air  Dia, 
agus  a'  smuaineachadh  air  na  nithean  a  tha 
maith  agus  urramach  agus  ion-mhiannaichte. 
Companas  Chriosd,  sin  an  t-slighe  gu  Dia 
agus  beatha  an  anma. 


Aig  an  Uinneig 


Na  DdmhnuUaich 

ANNS  an  leabhar  ghasda,  Hail!  Caledonia 
a  bha  air  a  chur  a  mach  o  chionn  beagan 
bhliadhnachan  leis  a'  mhnaoi-uasail,  Mairi 
Dhomhnullach,  bean  an  Ollaimh  Colla  Domh- 
nullach,  tha  i  ag  innseadh  gu  bheil  seachd 
fichead  's  a  naoi  ainm  air  Carragh-chuimhne 
a'  chogaidh  (1914-1918)  ann  an  Uidhist  a' 
Chinn-a-Tuath,  agus  gu'm  bu  I)6mhnullaich 
aon  deug  is  d^  fhichead  dhiubh. 

Bha  na  Domhnullaich  daonnan  ri  aghaidh 
a'  chatha,  agus  cha  robh  cinneadh  eile  anns 
na  h-Eileanan  a  bha  air  an  cunntas  cho 
uasal  riu.  Bha  e  'na  fhasan  aig  na  fineachan 
Gaidhealach  a  bhi  a'  deanamh  seorsa  de 
mhagadh  laghach  abhacach  air  each  a 
cheile,  gun  chron  gun  ghamhlas  ann  ;  "  Cam- 
shronaich  bhoga  an  ime,"  "  foill  nan  Cuim- 
eanach,"  "gaol  nan  Granndach  air  lite," 
"  spagadagliog  nan  DomhnuUach  is  leom 
nan  Leathanach."  Ach  cha  robh  spaga- 
dagliog nan  DomhnuUach  air  a  chunntas 
riamh  'n  a  choire  an  siiilean  nam  fineachan 
eile,  a  bha  'ga  fhaicinn  freagarrach  gu  leor 
gu'm  biodh  cinneadh  cho  sean  agus  cho 
uasal  agus  cho  laidir  ris  na  Domhnullaich 
'g  an  gitilan  fhein  le  morchuis  agus  spaga- 
dagliog. Bha  iomadh  meur  agus  meanglan 
de  Dhomhnullaich  ann,  ach  cha  robh  gin 
dhiubh  a  b'uaisle  no  a  bu  teotha  fuil  na 
teaghlach  Mhic  Mhic  Ailein.  Is  e  Uidhis- 
teach  de'n  teaghlach  agus  de'n  tuath  so  a 
bhiodh  ag  innseadh,  an  uair  a  thill  e  dhach- 
aidh  as  an  Tigh-eiridinn  an  Glaschu,  gu'n 
deachaidh  am  permometer  'n  a  spealgan  a' 
cheud  uair  a  chuir  iad  'n  a  bheul  e  leis  cho 
teth  's  a  bha  fhuil,  agus  'n  a  dheidh  sin, 
gur  ann  fo  achlais  a  bhiodh  iad  'g  a  chur. 

Anns  a'  phaipear-naidheachd,  Tim  an 
Obain,  bha  iomradh  am  bliadhna  air  Cluich 
agus  Luth-chleasan  am  Barraidh,  aig  an 
robh  ochd  deug  de  na  Duaisean  air  an 
cosnadh  le  Domhnullaich  a  Uidhist,  Domh- 
nullaich oga  laidir  a  tha  maith  air  ruith 
is  leum,  agus  air  tUgeadh  cloiche,  is  iiird, 
is  cabair.  Anns  a'  cheart  phaipear  bha 
iomradh  air  Cattle  Show  Uidhist  a'  Chinn- 
a-tuath,  aig  an  robh  coig  is  da  fhichead  de 
na  Duaisean  air  an  cosnadh  le  Domh- 
nullaich, rud  a  tha  a'  dearbhadh  nach  'eil 
na  DomhnuUaich  a'  call  an  aite  no  an 
seasamh  an  Uidhist.  B'  olc  an  airidh  gu'm 
fasadh  an  seann  stoc  so  agus  an  cinneadh 
uasal  so  gann  'n  an  diithaich  fhein,  no  gu'n 
caUleadh  iad  anns  na  laithean  odhar  so  an 
neart  agus  an  fhuil  theth  agus  an  t-aigne 
n^durra  a  thug  air  an  coimhearsnaich 
spagadagliog  a  chur  as  an  l^th. 


Tha  ainmean  ura  (agus  air  uairean  ainmean 
coimheach  agus  neonach)  ri  'm  faicinn  ann 
an  rinntealan  an  fhearainn  anns  a'  Gh^idh- 
ealtachd  an  diugh.  B'  e  Achd  nan  Croit- 
earan  lagh  a  b'fhearr  a  rinn  Parlamaid 
Bhreatuinn  riamh  air  son  na  Gaidhealtachd, 
ach  fo'n  Achd  sin  tha  nithean'a'  tachairt 
ris  nach  robh  dtiil  againn,  daoine  a'  sealbhach- 
adh  chroitean  nach  'eil  iad  ag  oibreachadh, 
agus  air  nach  'eil  iad  a'  fuireach,  feurach  na 
croite  air  a  shuidheachadh  air  mh^l  dtibailte 
air  coimhearsnach  air  choreigin  le  marsanta 
ann  am  Manchester  d'an  ainm  Wilkins 
Hanratty,  a  tha  a'  faotainn  subsidy  o'n 
Riaghaltas  air  son  a'  chruidh  a  tha  ag 
itheadh  an  fheoir  air  a'  chroit,  ach  nach 
biodh  iad  ag  itheadh  idir  na'n  robh  an  lagh 
no  a'  choir  air  an  cumail. 

An  dilithchas. 

Anns  a'  Cheannmhor  ann  an  August  bha 
uinneag  riomhach  air  a  coisrigeadh  mar 
chuimhneachan  air  an  ard-sgoUear,  an  t- 
Urramach  Iain  Mac  Neachdain,  LL.D.,  a 
chuir  seachad  a'  chuid  mhor  d'a  bheatha 
a'  teagasg  Greigis  an  Canada.  Tha  an 
uinneag  mar  chuimhneachan  air  a  mhac 
cuideachd,  a  bha  air  a  mharbhadh  ann  am 
Flanndrais   an   cogadh   1914-1918. 

Tha  ealain  aig  ministear  na  Ceannmhor 
air  sloinntearachd ;  is  aithne  dha  c6  na 
teaghlaichean  a  bha  fuireach  air  da  thaobh 
Loch  Tatha  o  chionn  da  cheud  bliadhna, 
maith  is  dona,  mar  a  b'aithne  do'n  fhear 
a  sgriobh  leabhar  Ghenesis  sinnsearachd  nan 
aithrichean  ludhach,  agus  anns  an  t-seirbhis 
a  bha  e  air  a  ceann  an  la  ud  dh'innis  e  do'n 
choimhthional  mu'n  mheur  de  Chloinn  Mhic 
Neachdain  o'n  d'thainig  am  fear  a  bha  an 
uinneag  air  a  cur  suas  mar  chuimhneachan 
air,  tuathanach  a  dh'fhag  sliochd  de  dhaoine 
laidir  deanadach  as  a  dheidh,  oir  thainig  a 
mach  as  a  leasraidh  seachd  ministearan, 
deich  dotairean,  naoi  Professors,  deich 
marsantan,  seachd  tviathanaich,  deich  aig 
an  robh  muilnean  dhaibh  fhein,  da  engineer, 
fear-lagha,    agus    Inspector    sgoUean. 

So  an  seorsa  poir  as  fhiach  a  chumail  air 
an  diithaich,  agus  gu  fortanach  chan  'eil 
a'  choslas  air  gu  bheil  e  a'  dol  air  ais,  oir 
bha  deich  duine  fichead  de  shliochd  an  t- 
seann  tuathanaich  ud  aig  an  t-seirbhis. 
B'  aithne  dhomh  fhein  feadhainn  de'n  teagh- 
lach so,  daoine  laidir  aig  an  robh  eanchain- 
nean  agus  bodhaigean  maith. 

Tha  seotaichean  am  measg  nan  daoine 
mar  tha  iad  am  measg  nan  caorach.  Le 
feur  maith  a  thoirt  dhaibh  theagamh  gu'n 


AIG  AN  UINNEIG 


tig  beagan  cinneis  orra,  ach  cha  bhi  iad  gu 
brath  cho  maith  ris  na  caoraich-stuic.  Tha 
moran  dhaoine  an  diiil  gu'n  teid  aca  air 
sar-dhuine  a  dheananxh.  de  sheota  le  sgoil. 
Chan  'eil  teagamh  nach  dean  sgoil  beagan 
atharrachaidh  air  inntinnean  dhaoine,  ach 
cha  toir  i  dhaibh  an  rud  nach  d'thug  Nadur 
no  Dia  dhaibh.  Sin  an  t-aobhar  gu  bheil 
uiread  sheotachan  am  measg  nan  uachdaran 
's  a  tha  am  measg  nan  iochdaran,  agus  gu 
bheil  daoine  aig  a  bheil  foghlum  gle  bhith- 
eanta  gun  tixr.  Cha  chuir  thu  tiir  ann  an 
duine  anns  nach  'eil  tiir  gu  nadurra  ged 
lionadh  tu  a  cheann  le  Algebra  agus  Eabhra. 
Is  treasa  duthchas  na  oilean. 

An  tuius  sgith 

An  uair  a  chluinneadh  an  t-Albannach 
uasal,  Professor  Blackie,  an  dara  Laoidh  air 
a  seinn,  anns  a  bheil  "  weary  pilgrimage  " 
(turns  sgith),  bhiodh  e  'g  an  atharrachadh 
agus  a'  seinn  'n  an  aite  "  turns  aigh,"  no 
facail  air  choireigin  eile  a  leigeadh  leis  fhian- 
uis  a  thogail  nach  e  toil  Dhe  gu'm  biodh  an 
saoghal  so  'n  a  ghleann  nan  deur  d'  a  chloinn, 
ach  gu'm  biodh  iad  sunndach  sona,  a' 
tarruing  solais  gach  latha  as  na  nithean 
maith  agus  maiseach  leis  an  do  chuartaich 
Dia  iad  air  thalamh.  Ged  chuir  e  seachad  a 
bheatha  ann  am  baile  cho  crabhach  agus 
cho  fuar  's  a  tha  an  Albainn  dh'  fhairtlich 
air  crabhadh  no  gaoth  'n  ear  Dhiin-eideann 
Blackie  atharrachadh  seach  mar  rinn  an 
Cruithear  e,  agus  'n  a  sheann  aois  dh' 
fhaodadh  tu  fhaicinn  air  Sraid  a'  Phrionnsa 
le  chiabhan  fada  geal,  ad  bhog  leathann, 
agus  a  bhreacan  air  a  ghualainn,  a'  mear- 
sadh  cho  aotrum  sunndach  's  ged  bhiodh 
fichead  piobaire  a'  falbh  leis  agus  e  a'  dol 
gu  banais. 

Ged  bha  a  dhoighean  fhein  aige,  doighean 
a  bhiodh  a'  toirt  oilbheim  do  dhaoine  do  nach 
b'aithne  e,  agus  a  bhiodh  a'  gabhail  uamhais 
an  uair  a  chluinneadh  iad  gu'n  seinneadh  e 
orain  Bhurns  cho  deas  ri  sailm  Dhaibhidh 
air  la  na  Sabaid,  bha  e  'n  a  dhuine  maith, 


agus  'n  a  dhuine  diadhaidh,  duine  uasal 
nach  abradh  agus  nach  deanadh  rud  leibideach 
no  gamhlasach. 

"  Duine  'n  robh  smear  agus  sgoinn, 

duine  nach  robh  foiU  'n  a  bheachd  ; 
nach  buaileadh  a'  bhuille-chiiil 
's  nach  gleidheadh  mi-rim  do  neach." 

Bha  Professor  Blackie  a'  creidsinn  le  uile 
chridhe  gur  fhearr  a  bhi  subhach  na  bhi 
dubhach,  rud  a  tha  na  ginealan  oga  a' 
creidsinn  cuideachd  oir  is  e  am  facal  as 
trice  air  am  bilean,  "  Cheerio." 

Tha  iomadh  seorsa  de  dhaoine  maith  anns 
an  t-saoghal,  oir  chan  'eil  Dia  a'  deanamh 
da  dhuine  air  bith  ans  an  aon  mhoUdair. 
Tha  cuid  de  dhaoine  nach  d'thug  an  aire 
riamh  gu  bheil  an  saoghal  maiseach  ach  tha 
cuid  eile  d'  am  bheil  maise  an  t-saoghail  mar 
anail  am  beatha.  Eirigh  agus  laighe  na 
greine,  samhchair  na  camhanaich  agus  na 
glomanaich — cuiridh  na  nithean  sin  Dia  'n 
an  cuimhne  le  creideamh  agus  aoibhneas  mar 
gu'm  biodh  E  'n  a  sheasamh  ri  'n  taobh  agus 
a'  bruidhinn  riu.  Ach  ged  is  eu-coltach  am 
fiosrachadh  sin  no  am  mothachadh  sin  ris 
an  rud  ris  an  abair  sinn  "  iompachadh," 
chan  'eil  iad  idir  cho  fada  o  cheile  's  a  shaoil- 
eadh  tu,  oir  is  e  cridhe  na  cuise  gu  bheil  Dia 
'g  a  fhoiUseachadh  fein  dhaibh  air  atharrach- 
adh doigh,  a  reir  an  naduir  a  thug  e  dhaibh 
air  tus,  agus  an  dachaidh  agus  an  eaglais 
anns  an  robh  iad  air  an  togail. 

Ach  ged  is  maith  an  companach  inntinn 
shunndach  agus  cridhe  aotrum  tha  ni-eigin 
ann  am  beatha  mhic  an  duine  nach  eil  facal 
eile  as  freagarraiche  air  a  shon  na  "turus 
sgith."  Bha  faidhean  agus  salmadairean 
Israeli  a'  deanamh  luaidh  air  maitheas  an 
Tighearna  gun  sgur,  ach  bha  tuilleadh  is 
aon  tend  air  an  clarsaich-san,  agus  is  e  aon 
dhiubh  a  sheinn  mar  so  : 

Oir  bheathaich  thu  do  shluagh  gu  leir 

le  aran  deur  is  broin  ; 
Is  tomhas  saoibhir  thug  thu  dhaibh 
de  dheuraibh  goirt  r'  an  61. 


losa  Shlanuighear,  gleidh  an  stiuir 
'N  trath  thig  onfhadh  oirnn  gu  cas 
Saor  sinn  bho  gach  cunnart  bais 
Sgeirean,  tanalach,  sruth  bras, 
Ar  cairt-iuil  tre  fhatrg  is  chuan — • 
losa  Shlanuighear,  gleidh  an  stiuir. 


Gleidh   an    Stiuir 

Mar  a  stoldas  mathair  chaomh 

Leanamh  beag  a'  gul  gu  goirt 

Air  d'  fhacal-sa  bidh  tuinn  'n  an  tamh 

Air  cho  ard  's  gu'm  bi  an  toirt, 

Le  ughdarras  thar  fairg  is  cuan — 

losa  Shlanuighear,  gleidh  an  stiuir. 


'N  trath  fadlieoidh  a  thig  mi  dltith 

Do'n  chladach  thall  is  ataireachd  aird, 

Labhair  thusa  briathran  ciiiin 

Is  tog  mo  shuil  gu  tir  an  4igh, 

Gu  caladh  ait  na  dachaidh  bhuan — 

losa  Shlanuighear,  gleidh  an  stitiir. 


Ruairidh  Ddmhnullach, 
Stedrnabhagh. 


Aireamh  2 


1948 


lonad  diomhair  an  Ti  as  airde 


AIG  deireadh  na  bliadhna  chuir  duin-eigin 
nach  d'thug  dhomh  'ainm  leabhar  chugam 
a  bha  air  a  sgriobhadh  leis  an  Ollamh  Artur 
I.  Gossip,  a  bha  'n  a  Ard  Fhear-teagaisg 
an  Colaisd  na  Trianaid,  an  Glaschu,  fo'n 
tiotal  so,  "  Ann  an  ionad-diomhair  an  Ti 
as  airde." 

Tha  an  leabhar  air  a  choisrigeadh  do 
dhithis  de  na  h-aithrichean  o'n  d'  fhuair  e 
seoladh  is  solus  anns  a'  bheatha  dhiadhaidh 
'n  a  oige,  an  t-Ollaroh  Alasdair  Mac  'Ille 
Bh^in  agus  an  t-Ollamh  Marcus  Dods,  le 
cheUe  lochrain  lasarach  agus  dealrach. 

Tha  feum  againn  uile  air  leithid  an  leabhair 
.so  an  diugh,  oir  is  ann  mu  iirnuigh  a  tha  e, 
agus  chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  cinn- 
tiche  na  gur  ann  aig  daoine  a  bhios  ag 
urnuigh  a  tha  an  iuchair  a  dh'fhosglas 
dhaibh  Seomar  an  Righ.  Chan  'eil  ann  ach 
amaideas  agus  dochas  feall  do  dhaoine  a 
bhi  an  dull  gu  'm  faod  eolas  a  bhi  aca  air 
Dia  gun  tirnuigh.  'S  e  cleachdadh  na  h- 
urnuigh  an  dearbhadh  as  cinntiche  as 
urrainn  a  bhi  agad  gu  bheil  thu  a'  creidsinn 
ann  an  Dia,  chan  ann  le  eisdeachd  na  cluaise 
no  le  fasan  an  t-saoghail  ach  le  faireachduin 
agus  comhairle  do  chridhe  fhein.  Tha  mil- 
tean  agus  miltean  de  dhaoine  anns  an 
eaglais  an  dull  gu  bheil  iad  a'  creidsinn 
ann  an  Dia,  ged  nach  'eil  iad  a'  creidsinn 
ann  idir,  ach  a  mhain  mar  tha  iad  a'  creidsinn 
ann  an  sithichean.  Ciod  a  tha  ann  an 
urnuigh  ach  ionndrainn  an  anma  air  Dia, 
agus  gaol  an  anma  air  Dia,  agus  iarrtus  an 
anma  air  fuireach  'n  a  lathair  ? 

Tha  cuid  de  dhaoine  diadhaidh  gu  nadurra , 
agus  an  uair  a  tha  an  seorsa  sin  air  an  togail 
gu  diadhaidh  is  ann  'n  am  measg  a  gheibhear 
mar  is  trice  fior  naoimh  na  h-eaglais,  daoine 
anns  a  bheil  urram  agus  eagal  diadhaidh 
agus  earbsa  ann  an  Dia  a'  neartachadh  an 
ionracais  agus  a'  choibhneis-graidh  a  tha 
annta  gu  nadurra,  air  chor  agus  gu  bheil 
e  cho  furasda  dhaibh  bruidhinn  ri  Dia  agus 
co-chomunn  a- bhi  aca  ri  Dia  's  a  tha  e  an 
anaU  a  th arming.  Is  sona  an  coimhthional 
agus  an  sgir  anns  a  bheil  triiiir  no  ceathrar 
dhiubh,  oir  gun  fhios  dhaibh  fhein  tha  iad 
a'  cumail  ann  an  cuimhne  dhaoine  eile  nan 
nithean  nach  'eil  duilich  dhaibh  a  dhichuimh- 
neachadh,  Dia  agus  an  soisgeul  agus  crioch 


araidh  am  beatha.  Mur  bheil  sinn  'g  a 
chuimhneachadh  sin  cha  duth  dhuinn  solus 
fhaicinn  a  bhios  dhuinn  'n  a  snolus-iuil. 
Tha  mi  a'  creidsinn  le  m'uile  chridhe  nach 
'eil  a  bheag  de'n  eagal  agus  de'n  am.harus 
spioradail  agus  de'n  diobhail-misnich  agus 
de'n  an-fhois  a  tha  a'  milleadh  ar  sonais  agus 
ar  n-earbsa  ann  an  Dia  nach  biodJb  air  an 
aotramachadh  no  air  an  dubhadh  as  na'n 
rachamaid  leo  gu  Dia.  An  uair  a  theid 
duine  air  a  ghltiinean,  ag  r4dh,  m'  Athmr 
ri  Dia,  tha  e  ann  an  saoghal  eile  seach  mar 
bha  e  air  a  chasan,  a'  feoraich  de'n  chruth- 
achadh  uile  no  d©  Phrofessor  Joad,  "Ciod 
aa  tairbhe  a  tha  aig  duine  'n  a  uile  shaothair 
a  ni  e  fo'n  ghrein  ?  " 

Ach  chan  'eil  sinn  uile  diadhaidh  gu 
nadurra,  no  air  ar  breith  iriosal  agus  ionraic 
agus  m.othachail  air  ar  fiachan  do  Dhia  ; 
fad  a,  fada,  bhuaitn.  Chan  e  mhain  gu  bheil 
a'  chuid  mhor  againn  saoghalta  agus  peacach 
agus  neo-choltach  ri  Criosd  ach  tha  sinn 
uidh  ar  n-uidh  a'  fas  dall,  air  chor  agus  nach 
'eil  sinn  a'  faicinn  Chriosd  idir  ged  tha  e 
'n  ar  measg  agus  a'  tachairt  oirnn  air  an  t- 
slighe  a  h-uUe  latha.  Eadhon  an  uair  a  tha 
sinn  a'  dol  a  mach  air  a  thurusan,  a'  toirt 
bidh  do'n  acrach  agus  tighean  tu*a  dhaibh- 
san  aig  nach  'eil  dachaidh,  tha  ar  suilean 
air  an  cumail  air  chor  's  nach  aithnich  sinn  e. 
Chan  'eil  daoine  na's  miosa  an  diugh  na  bha 
iad  roimh  so  a  thaobh  an  giulain  no  an 
caitheamh-beatha,  ach  tha  an  stiilean  air 
an  tionndadh  air  falbh  o  Dhia  agus  tha  iad 
a'  fas  daU  gu  spioradail,  bochdainn  as  miosa 
na  bochdainn  shaoghalta.  Sin  an  seorsa 
bochdainn  ris  am  bu-mhotha  a  bha  truas 
aig  Criosd,  daoine  a  bhi  aineolach  air  Dia, 
neo-mhothachail  air  a  fhreasdal,  air  a 
ghr^dh,  au"  na  tiodhlaca  mora  agus  lionmhor 
a  dh'uUaich  e  dhaibh.  Cia  meud  duine  a 
b 'urrainn  an  laoidh  so  a  sheinn  le  iolach  agus 
gairdeachas,  no  cia  meud  a  thuigeadh  an 
fhuaim  acibhneach,  na'n  cluinneadh  iad  i. 

Ail-  fuUe  throcair,  0  mo  Dhia, 
trath  dhearcas  mi  gu  dluth, 

A'  mosgladh  suas  tha  m'anam  bl^th 
le  h-ionghnadb,  gradh,  is  cliil. 

Sin  an  staid  inntinn  agus  am  fiosrachadh 
spioradail  as  a   bheil  aoradh  agus  moladh 


MAC  IS  MATHAIR 


na  h-eaglais  ag  eirigh,  ach  tha  art  inntinn 
agus  am  fiosrachadh  sin  an  diugh.  ann  an 
tomhas  mor  air  chall  a  chionn  nach  'eil  sinn 
a'  faireachduin  gur  peacaich  sinn  am  fianuis 
Dhe,  no  gu  bheil  sinn  fo  fhiachan  dha.  Ach 
is  ann  mar  pheacaich  a  labhair  Dia  ri  cloinn 
daoine  o  thus,  agus  gus  an  eisd  iad  ris  ma?- 
pheacaich  cha  chluinn  iad  gu  brath  9  ghuth. 

Daoine  a  tha  gun  mhothachadh  air  Dia 
agus  gun  mhothachadh  air  peacadh,  ciod 
eile  as  urrainnear  a  radh  umpa  ach  gu  bheil 
iad  dall,  cho  dall  's  nach  leir  dhaibh  nithean 
a  tha  cho  soilleir  do  dhaoine  eile  ri  solus  na 
greine.  Anns  a'  bheatha  dhiadhaidh  chan 
urrainnear  a  radh  le  cinnt  gu  bheil  aon 
locshlaint  ann  a  leighseas  an  doille  spioradail 
so  daonnan  (ged  is  e  Dia  a  tha  toirt  am 
fradhairc  do  na  doill)  ach  tha  aon  mheadhon- 
grais  leis  am  faod  sinn  uile  cothrom  a  thoirt 
do  Dhia  E  fhein  a  dheanam.h  aithnichte 
dhuinn,  's  e  sin,  a  bhi  ag  iirnuigh.  "  A 
Thighearna,  teagaisg  dhuinn  iirnuigh  a 
dheanamh."  Nach  maith  an  urnuigh  sin 
fhein ! 

Chan  'eil  ach  aon  doigh  air  cleachdadh 
na  h-urnuigh  ionnsacQadh,  urnuigh  a  dhean- 
amh, agus  cha  mho  a  gheibh  thu  dearbhadh 
gu  br^th  gu  bheil  feum  ann  ad  urnuigh  ach 
an  dearbhachd  a  gheibh  thu  'n  ad  chridhe 
fhein. 

An  uair  a  bha  mi  6g  tha  cuimhne  agam  air 
an  fharmad  a  bhiodh  'n  am  chridhe  an  uair 


a  bhithinzi  a'  leughadh  mu  chuid  de  na 
Piuritanaich  agus  naoimh  na  h-eaglais  Choit- 
chionn  a  bhiodh  a'  cur  seachad  tri  no  ceithir 
no  coig  uairean  a  h-uile  latha  ag  urnuigh, 
ach  an  aite  nan  nithean  sin  a  bhi  'n  an 
eisiomplair  agus  'n  am  brosnuchadh  do 
dhaoine  oga  anns  a'  bheatha  dhiadhaidh 
is  ann  a  tha  iad  'n  an  cnap-starra  dhaibh 
agus  'g  an  cur  air  seachran.  Ged  is  maith 
a  bhi  ag  iirnuigh  gu  trie,  is  maith  cuideachd 
iirnuighean  goirid.  Chan  ann  leis  an  uair- 
eadair  a  thoimhseas  Dia  ar  co-chomunn, 
no  gradh  agus  umhlachd  a  chloinne  ach 
leis  an  treibhdhireas  leis  an  abair  iad  ris, 
Athair  ;  urnuigh  do  naomh  no  do  pheacach 
ann  an  aon  fhacal.  Coma  leat,  ma  ta,  na 
doighean  a  bhiodh  aig  Boston,  no  Uilleam. 
Law,  no  Santa  Teresa,  no  Samuel  Rutherford  ; 
gabh  do  dhoigh  fhein,  agus  mur  leor  an 
riaghailt  sin  lean  ort  mar  bhiodh  an  Salma- 
dair  a'  deanamh,  "  a  moladh  an  Tighearna." 
"  Mar  is  sine  tha  mi  a'  fas,"  arsa  seana  dia- 
dhair,  "  is  ann  is  mo  tha  mi  a'  giorrachadh 
m'urnuighean  los  gu'm  biodh  tuilleadh  uine 
agam  a  sheinn  molaidh  do  Dhia."  Is  e 
taingealachd  do  Dhia  agus  iarraidh  air  Dia 
a  mholadh,  a'  cheud  cheum  anns  an  sgoil- 
iirnuigh,  agus  os  cionn  ard-dorus  na  sgoile, 
biodh  am  facal  so  sgriobhte  ann  an  litrichean 
teine — 

"  Ma  bheir  mi  speis  do  euceart  a'  m'  chridhe 
Chan  eisd  an  Tighearna  rium.'" 


Mac  is  mathair 

Leis  an  .  Ollamh  Colla  Ddmhnullach. 


IS  duine  dona  am  mac  nach  seinn  cliu  a 
mhathar,  gu  seachd  sonruichte  ma  chuir  am 
Freasdal  air  mathair  coltach  ri  bean  Lloyd 
George.  Tha  am  mac  as  sine  an  deidh 
leabhar  a  sgriobhadh  mu  mhathair  mar 
gu'n  robh  eagal  air  gu'n  rachadh  i  air 
dichuimhne.  Bha  fhios  aige  nach  'eil  feum 
aig  Lloyd  George  air  mac  no  nighean  a 
sheideadh  a  thrompaid.  Ach  ann  an  suilean 
Riseart,  an  ceud  mhac,  mor  agus  mar  a 
bha  'athair,  cha  bu  lugha  a  mhathair.  'N 
a  bheachd-san,  ged  nach  do  tha  chair  i  riamh 
air  Lloyd  George,  b'airidh  i  air  aite  ann  an 
eachdraidh  na  diithcha.  Tha  amharus  aige 
nach  bi  an  saoghal  de'n  aon  bheachd  ris 
fein  ach  tha  e  coma.  'N  a  shuilean-san  cha 
robh  a  leth-bhreac  anns  an  Roinn-Eorpa. 

Fhreagradh  e  am  fear  a  chuireadh  'na 
aghaidh  mar  a  fhreagair  Donnchadh  Ban 
am  peasan  a  thubhairt  ris  nach  robh  Mairi 
Bhan  Og  cho  boidheach  agus  a  bha  an  t-6ran 


ag  radh — "  nam  fac'  thusa  i  leis  na  suilean 
agamsa." 

Rugadh  Lloyd  George  ann  am  baile-mor 
Sasunnach  ach  cha  robh  ann  ach  an  leanabh 
maoth  'nuair  a  thug  brathair  a  mhathar  e  gu 
diithaich  a  dhaoine.  Rugadh  agus  thogadh 
Mairearad  Owen  ann  an  tir  nan  Cuimreach. 
Bha  an  tir  bheag  so  motha's  cumhann  air 
son  Lloyd  George  ach  bha  i  mor  ge  leoir 
air  son  Mairearad.  Bha  a  gradh  do  dhuth- 
aich  a  h-aithrichean  cho  laidir  's  gu'n  robh 
gach  latha  agus  bliadhna  ann  an  Lunnainn 
air  an  cunntas  caillte.  Labhradh  esan  agus 
ise  gu  fileanta  ann  an  seann  chanain 
nan  Cuimreach. 

Is  i  a  labhair  iad  ri  cheile  agus  ri'n  cloinn. 
Co  dhiu  a  bha  an  comhnuidh  ann  an  Lunn- 
ainn no  ann  an  Criccieth  is  e  seirbhisich 
Chuimreach  a  bha  a'  freasdal  daibh,  agus 
na'n  robh  an  dachaigh  ann  an  Sasunn  ann 
am  feum   cobhair  no   ceartachadh  ghairm- 


MAC  IS  MATHAIR 


eadh  i  fear-ceaird  a  Criccieth.  Bha  eolas 
farsuinn  aice  air  seann  eachdraidh  na 
duthcha,  air  na  baird  agus  air  na  gaisgich 
a  sheas  gu  duineil  ann  an  aghaidh  Romanach 
agus  Shasunnacb.  Bba  tlachd  aice  ann  an 
daoine  coire  gacb  treubh  agus  cinneacb,  ach 
CO  a  bba  coltacb  ris  na  Cuimrich  ann  am 
beachd  Mairearad  Owen ! 

Ged  tbug  an  dtitbaich  agus  eachdraidb 
buaidb  mbor  air  inntinn  agus  beatha  nan 
Cuimreach,  bbeireadh  Daibbidh  agus  Mair- 
earad a'  cheud  aite  do'n  eaglais  Cbrios- 
duidh,.  Bha  ise  agus  a  parantan  dileas  do'n 
eaglais  cbleireach  ;  bba  esan  agus  bratbair 
a  rahatbar  daingean  anns  an  eaglais  Bhais- 
ticb.  Theap  an  eaglais  tighinn  eatorra,  agus 
rud  eile  a  bha  'n  a  cbnap-starradh  air  an 
t-slighe,  bha  parantan  Mairearad  nan  tuath- 
anaich  air  an  deagb  dboigh  agus  is  e  greus- 
aiche  a  bh'ann  am  bratbair  mathar  Dhaibh- 
idh.  Bha  luchd-fearainn  uasal  seach  luchd- 
ceaird  am  measg  nan  Cuimreach.  Ach  db' 
fheumadh  am  fear  a  rachadh  eadar  Daibbidh 
agus  Mairearad  moch-eirigb  a  dbeanamh. 

Cha  b'e  fear-lagha  a  thaghadh  na  tuath- 
anaich  chotbromach  mar  chliamhuinn,  ach 
bha  cairdean  ciallacb  air  an  da  thaobh, 
agus  nach  bu  mhor  agus  nach  bu  mhath 
gu'n  robh  Lloyd  George  ag  aideachadh 
Chriosd  gu  follaiseach  ann  an  aghaidh  an 
t-saoghail. 

Bha  reiteachadh  agus  cordadh  ann,  agus 
an  sin  dh'eirich  a'  cheist — c'ait  am  bi  am 
posadh  ?  Anns  an  eaglais  Chleirich  1  Anns 
an  eaglais  Bhaistich  ?  Is  ann  anns  an 
eaglais  Chleirich  a  bha  an  t-seirbhis  phos- 
aidh,  ach  thug  Daibbidh  leis  bratbair  a 
mbatbar,  a  bha  'n  a  shearmonaiche  e  fhein 
a  thuUleadh  air  a  bhi  'n  a  gbreusaiche. 

Thainig  teaghlach  orra  ann  an  lanachd 
na  b-aimsir.  Co  a  bhaisteadh  an  leanabh 
mic,  no  an  rachadh  a  bhaisteadh  idir  ? 
Bha  Mairearad  'n  a  boirionnach  gaolacb, 
ciallacb,  agus  cha  do  bhaisteadh  an  ceud 
mbac  gus  an  robh  e  seachd  bliadhna  deug; 
Gun  ghuth  mor  no  droch  fhacal  lean  a' 
charaid  so  ri  eaglaisean  an  oige.  Tha  a  mac 
a'  moladh  a  mbathar  gu'n  robh  i  cho  seasmh- 
ach  dileas  ris  an  eaglais  Chleirich,  ach  tha 
leam  gu'm  faodadh  Mairearad  dol  do'n 
eaglais  Bhaistich  le  Daibbidh  gun  chunnart 
d'a  h-anam  no  bruaillean  d'a  cridhe. 

Tha  aon  ni  soilleir,  agus  is  e  sin  gu'n  robh 
buaidb  laidir  aig  creideamb  air  a  charaid  so. 
Bha  iad  fortanach  'n  an  diithaich,  'n  am 
muinntir,  agus  'n  an  aimsir.  Bha  an  sluagh 
uUe  a'  dol  do'n  eaglais  gu  riaghaUteach, 
agus  b'e  a'  chanain  Chuimreach  canain  na 
h-eaglais.     Bha  am  Biobull  air  eadar-tbean- 


gachadh  do'n  chainnt  Chuimrich  leis  an 
Easbaig  Morgan  anns  a'  bbliadhna  1566.  Is 
fheudar  gu'm  bheil  rudeigin  dealaichte  anns 
a'  Bhiobull  o  leabhraichean  eile.  Tha  e 
air  eadar-theangachadh  ann  am  Beurla,  ann 
an  Gaidhlig,  agus  ann  an  Gearmailt  na's 
fhearr  na  leabhraichean  eile.  Rinn  an  t- 
Easbuig  Morgan  obair  gu  math.  Tha  rosg 
a'  Bhiobuill  Chuimrich  a'  seasamh  cho 
ard  ann  an  gradh  an  t-sluaigb  agus  a  bha 
Biobull  Luther  ann  an  urram  na  Gearmailt. 
Chan  'eil  teagamb  nach  e  am  Biobull  'n  an 
c^innt  fhein  a  chuir  agus  a  chum  a'  Bheurla 
chruaidh  Shasunnacb  'n  a  h-aite  fhein. 
Na'n  robh  am  Biobull  againne  ann  an 
Gaidhlig  Albannach  da  cheud  gu  leth 
bliadhna  na  bu  traithe  cha  robh  canain  ar 
diithcha  cho  lapach  agus  a  tha  i. 

Is  coir  dhuinn  a  chuimbneacbadh  cuid- 
eachd  gu'n  robh  Eisteddofod  aig  na  Cuimrich 
ceudan  bliadhna  mu'n  do  chuir  sinne  an 
Comunn  Gaidhealach  air  bonn.  Choisinn 
Lloyd  George  crim  a'  bhaird  aig  Eisteddofod 
a  dhuthcha  agus  ged  a  thainig  iomadh  m-ram 
'g  a  ionnsuidh  an  deidh  laimhe,  air  thoiseach 
orra  uUe  ann  an  stiilean  Mairearad  bba  crim 
nam  bard  Cuimreach. 

Chan  'eil  teagamb  nach  robh  i  'n  a  ciil- 
taice  do  Lloyd -George,  'n  a  bean-tighe  air 
leth  agus  'n  a  mathair  chaomh.  Agus  leis 
an  so  uile  bha  i  sunndach  aigbearach  'n  a 
tigh  fein  agus  am  measg  eolaich.  Is  e  dealbh 
a  mhathair  a  bha  a  mac  a'  tarruing  ach  chan 
fhalaich  an  clodh  athair  uile  gu  leir. 

Uair  a  bha  moran  aoidhean  ainmeil  aig 
an  tigh  aca,  an  deidh  na  dinneir  thoisich 
Lloyd  George  air  tagradh  gu  laidir  gu'n  robh 
am  fear  a  bha  cumhachdach  ann  an  gniomb 
treun  ann  am  briatbran  cuideachd,  agus 
a  dheanadh  a  mach  na  puinge  so,  thug  e  air 
aghaidh  ainmean  a  bha  iomraideach  'n  an 
latha — lulius  Caesar,  Napoleon,  Nelson, 
Gladstone,  Clemenceau,  agus  Churchill. 
Sheall  e  mu'n  cuairt  a'  bhuird  mur  gu'n  robh 
e  a'  cur  na  cuideachd  gu  diilain.  Bha  iad 
uile  balbh  gus  an  cualas  guth  Mairearad  ag 
radh — "  sin  agaibb  beachd  cumanta  a  tha 
nis  marbh — an  duine  treun  air  bheagan 
bhriathran." 

Na'n  robh  cuideachadh  'g  a  dhith,  bha 
i  daonnan  aig  laimh.  Thainig  bristeadh 
air  a  shlainte  agus  e  a'  coinneachadh  Eirean- 
nach  a  shocracbadh  cheistean  cudthromach 
ann  an  Ge^rr-locb.  Bha  e  air  curam 
lighiche  an  righ,  Dawson  of  Penn,  agus  bha 
na  h-Eireannaich  cho  geur  agus  deas- 
bhriathrach  ris  fein.  Bha  cuisean  a'  cordadh 
ris  agus  thog  e  a  ghuth  agus  dhoirt  e  tuil 
cainnte  mu  chluasan  nan  Eireannacb.  Chuala 
Mairearad   a   ghuth,  agus   db'fhosgail   i   an 


ANNS  A'  CHATHAIR 


dorus  agus  th'ubhairt  i  gu  reidh  anns  a' 
chainnt  Chuimrich — am  bheil  dull  agad  gu 
'm  bheil  thii  a'  bruidhinn  ri  coinneamh- 
mhor! 

Bha  meas  mor  aig  Michael  Collins  oirre. 
"  Bha  an  Druidh  Cuimreach  fortanach  'n 
a  mhnaoi "  thubhairt  Collins  ;  is  ann  aig 
Dia  a  tha  fios  ciod  a  bhithinn-sa  na'n  robh 
bean  agam  coltach  ri  bean  Lloyd  George." 

"Bha  meas  aig  righrean  agus  daoine 
cumanta    air    mo    mhathair.     Bu    gheal    a 


thoill  i  meas."  "Cha  do  thachair  leithid 
eile  mo  mhathar  orm."  Mhol  a  mac  i 
agus  tha  sin  mar  is  coir.  "  Eiridh  a  clann 
agus  beannaichidh  iad  i :  a  fear  agus 
molaidh  e  i." 

Bha  i  eolach  anns  a'  BhiobuU  agus 
thubhairt  i  "  Na'n  robh  agam  ri  tri  facail, 
agus  tri  facail  a  mh^in  a  thaghadh,  is  e 
so  na  briathran  a  thaghainn — ■"  Is  grkdh 
Dia,"  oir  is  sona  iadsan  a  thuigeas  gur 
gr^dh  Dia." 


Anns  a'  Chathair 


UAIR  a  bha  mi  a'  cuideachadh  ministeir 
eile  aig  seirbhis-phosaidh  thug  a'  cheud 
fhacal  anns  an  t-seirbhis  clisgeadh  dhomh, 
Who  can  find  a  virtuous  woman  ?  Cha  chuala 
mi  na  briathran  ceudna  air  na  cleachdadh 
riamh  roimh  aig  posadh.  Bha  cuid  mhaith 
dhaoine  anns  an  eaglais  ;  bha  guth  ana- 
barrach  laidir  aig  a'  mhinistear,  guth  mar 
gu'm  biodh  dudach,  agus  an  uair  a  bhris  e 
an  t-samhchair  a  bha  anns  an  eaglais  leis  an 
nuaUan  ud,  tha  mi  cinnteach  gu'n  do  chlisg 
daoine  eile  cho  maith  rium-sa,  oir  chan  e 
mhain  gu'n  robh  na  briathran  car  annasach 
aig  an  am,  ach  thug  a'  chromag  a  tha  'n 
an  deidh  air  a 'mhinistear  am  fuaimneachadh 
mar  gu'n  robh  amharus  aige  nach  gabhadh 
i  faotainn. 

An  sin  leugh  e  an  corr  de'n  chaibideal  ud 
(Gn^th-fhacail  XXXI)  rannan  a  bha  frea- 
garrach  gu  leoir  aig  seirbhis-phosaidh,  ged 
nach  'eilear  'g  an  leughadh  ro  thric,  agus 
bha  a'  chuid  eile  de'n  t-seirbhis  cho  druidh- 
teach  agus  cho  soluimte  's  a  chuala  mi 
riamh. 

Cuimlmich,  a  leughadair,  nach  ann  a' 
faotainn  coire  do'n  mhinistear  a  tha  mi ; 
chan  ann  idir,  agus  na'm  bithinn  cho  maol 
agus  gu'n  d'thuirt  mi  dad  ris  fhein,  dh'fhao- 
dadh  e  a  radh  rium  mar  thuirt  an  t-OUamh 
Seumas  Cooper,  an  Oilthigh  Ghlaschu,  ri 
ministear  6g  a  bha  ris  na  Sgriobturan  a 
leughadh  aig  seirbhis  aig  an  robh  Cooper 
a'  dol  a  shearmonachadh.  Anns  an  vestry 
an  uair  a  sheaU  am  ministear  air  na  h- 
earrannan  a  bha  aige  ri  leughadh  chunnaic  e 
gu  robh  te  dhiubh  air  a  toirt  a  Leabhar 
Leviticus,  caibideal  mu  riaghailtcan  ludhach 
a  thaobh  glanaidh  a  bhios  ministearan  a' 
seachnadh  am  follais.  Mar  sin  thuirt  e  gu 
siobhalta  agus  gu  diuid  ri  Cooper  gu'm  biodh 
e  'n  a  chomain  na'n  atharraicheadh  e  an 
leughadh  a  Leviticus  a  chionn  nach  bu  toigh 
leis  nithean  mar  sud  a  leughadh  air  beulaibh 
dhaoine.  "  A  bheU  na  Sgriobturan  naomh 
'n  an  oilbheum  dhuit,"  arsa  Cooper,   "no 


an  ann  a'  faotainn  coire  dhaibh  a  tha  thu  ? 
Leugh  facal  an  Tighearna  mar  tha  e  air  a 
sgriobhadh  anns  a'  chaibideal  ud  de  Levi- 
ticus ;  cha  saoil  neach  air  bith  gur  tusa  a 
sgrlobh  e." 

Bean-tighe  mhaith 
Tha  ciall  eile  aig  an  fhacal  virtuous  an 
diugh  seach  mar  bha  aige  an  uair  a  bha 
am  BiobuU  air  a  thionndadh  gu  Beurla  ; 
uidh  ar  n-uidh  tha  e  a'  f^s  na's  cuimhne 
agus  na's  cuimhne  gus  nach  'eil  e  a  nis  a' 
ciallachadh  ach  moralta  ann  an  aon  seagh, 
an  seagh  anns  am  bi  ciiirtean-lagha  a' 
rannsachadh  mu  dhol-a-mach  bhan.  Chan 
ann  anns  an  t-seagh  sin  a  bha  e  air  uisneach- 
adh  leis  an  fhear  a  sgriobh  leabhar  nan 
Gnath-fhacal,  ach  anns  an  t-seagh  anns  a 
bheil  an  t-Ollarah  Moffat  'g  a  eadar-thean- 
gachadh, 

A  rare  find  is  an  able  wife  ; 

She  is  worth  far  more  than  rubies. 

Cha  robh  dad  eile  anns  an  t-sealladh  aig 
an  fhear  a  sgriobh  a'  chaibideal  so  ach  ciod 
an  seorsa  boirionnaich  ris  an  abradh  e 
bean  mhaith,  facal  as  fhearr  na  eadhon  bean 
shubhailceach.  Cia  dhiubh  a  tha  an  fheadh- 
ainn  mhaith  tearc  no  duliich  am  faotainn, 
tha  an  fheadhainn  dhona  lionmhor.  Ach 
chan  ann  riusan  a  tha  ar  gnothuch  an  drasd. 

Thainig  Hiorteach  gu  tir-mor  uaireigin 
a  dh'iarraidh  mnatha,  agus  b'e  so  na  tri 
nithean  innte  a  bha  e  a'  seaUtuinn  air  an  son, 
(1)  i  bhi  soilleir  anns  a'  chraicionn  agus  fait 
ban  oirre,  (2)  gun  i  bhi  os  cionn  coig  bliadhna 
fichead,  (3)  i  bhi  'na  bean-chomanachaidh 
anns  an  Eaglais  Shaoir,  ach  chan  ann  air 
gin  de  na  nithean  sin  a  bha  siiil  agus  aire 
an  duine  so,  ach  air  sgoinn  agus  t^bhachd 
agus  taicealachd,  air  foghainteachd  agus 
gleusdachd,  ealain  air  banachas-tighe  agus 
comas  tigh  agus  seirbhisich  a  raighladh. 
Bu  choma  leis  co  dhiubh  a  bha  i  dubh  no 
ban  no  donn  ma  bha  i  sgohmeil,  agus  ged 
a  tha  e  air  a  r^dh  anns  an  rann  roimh  'n  te 


ANNS  A'  CHATHAIR 


mu  dheii-eadh  gur  e  bean  air  a  bheil  eagal 
an  Tighearna  a  mholar  tha  cuid  de  sgoilearan 
am  beachd  nach  esan  a  sgriobh  sin  idir  ach 
Sgriobhaiche  air  chor-eigin  an  deidh  14imh,e 
a  bha  air  son  ^ileadh  is  dreach  na  diadhaidh- 
eachd  a  chur  air  boirionnach  laidir  saogh- 
alta.  So  mar  tha  an  t-Ollamh  Seumas 
Moffat  'g  a  chur  , 

TMg   cnoch   air   taitneas,    agus   seargaidh 

maise, 
Ach  mairidh  agus  molar  Eanchainn  ann 

am  mnaoi  gu  hrath, — 

Eanchainn,  chan  ann  anns  an  t-seagh 
anns  a  bheil  e  aig  daoine  air  a  bheil  malaidh- 
ean  arda,  no  anns  na  daoine  a  bhios  a' 
freagairt  cheistean  air  an  Radio,  ach  a' 
ciallachadh  tiir  agus  gliocas  agus  sgoinn. 
an  ttir  agus  an  sgoinn  a  chi  thu  bitheanta 
gu  leoir  ann  am  mathraichean  a  tha  a'  togail 
ceithir  no  coig  de  chloinn  air  tuarasdal  fir- 
oibre,  agus  a'  cumail  an  tighe  na's  gloine 
agus  na's  grinne  na  boirionnaich  eile  aig 
nach  'eil  clann  idir,  agus  aig  a  bheil  a  thri 
uiread  de  thighinn-a-stigh  riu.  Sin  an 
seorsa  ris  an  abair  am  Biobull  Beurla 
virtuous  woman,  agus  am  Biobull  GaidhHg 
hean  shubhailceach,  agus  ris  an  abair  an 
saoghal  uile  bean  mhaith. 

Cion  ttiir 

Thainig  iomadh  atharrachadh  air  an  t- 
saoghal  o  bha  Leabhar  nan  Gnath-fhacal 
air  a  sgriobhadh  agus  dealbh  a'  bhoirion- 
naich  so  air  a  tharruing,  ach  chan  'eil  feum 
an  t-saoghail  air  gliocas  agus  sgoinn  agus 
eanchainn  a'  fas  na's  lugha  ach  na's  motha. 
An  uair  a  tha  cuisean  a'  dol  ce^rr  'n  ar 
beatha,  no  'n  ar  n-obair,  no  'n  ar  dachaidh, 
no  'n  ar  companas  ri  daoine  eile,  chan  e 
olcas  no  aingidheachd  annainn  fhein  no 
anntasan  as  coireach  mar  is  trice,  ach  cion 
tuir  agus  cion  gliocais  'n  ar  teangaidh  agus 
'n  ar  giulan,  gliocas  leis  am  faodamaid  fhios 
a  bhi  againn  ciod  bu  choir  dhuinn  a  dheari- 
amh.  Tha  barrachd  dhaoine  'g  an  cur  fhein 
ann  an  dris  no  ann  an  cionta  le  stalcaireachd 
'n  a  tha  'g  a  dheanamh  le  ruintean  olc,  a' 
tuiteam  ann  an  clabar  agus  ann  an  sluic 
agus  ann  am  buaraidhean  a  dh'fhaodadh 
iad  a  sheachnadh  na'n  robh  tomhas  reusonta 
de  thiir  aca.  An  uair  a  sheallas  tu  air  ais 
air  na  daoine  a  thachair  ort  no  b'aithne  dhuit 
re  do  bheatha  cha  robh  ach  gle  bheag  dhiubh 
a  bha  'n  an  daoine  olc  no  aingidh,  trusdair 
aig  an  robh  inntinn  shalach  agus  cridhe 
naimhdeil  cealgach,  ach  chan  e  aiream.h 
bheag  dhiubh  ach  aireamh  mhor  a  bha  gun 
sgoinn,  a'  dol  air  seachran  mar  chaoraich 
a'  leantuinn  a  cheile,  agus  cho  furasd  an 


glacadh  ann  an  ribe  an  eunadair  ris  na  h- 
eoin  bheaga  aig  dorus  sabhail  air  la  sneachd. 
An  aite  a  bhi  ag  aideachadh  do  Dhia  ann  am 
briathran  atmhor  aingidheachd  agus  eucear- 
tan  nach  do  chuir  sinn  riamh  an  gniomh 
b'fhearr  dhuinn  ar  faoineas  agus  ar  stalcair- 
eachd agus  ar  goraiche  a  chur  gu  soilleir 
far  comhair  fhein  ann  an  uaigneas  ar 
seomair,  agus  iarraidh  air  Dia  tur  agus 
sgoinn  agus  gliocas  a  thoirt  dhuinn.  "  Tha 
Ephraim  fos  mar  chaluman  amaideach,  gun 
eolas." 

Companach  gaolach 

Tha  e  soilleir  gur  e  bean-tighe  a  bha  dhith 
air  an  duine  so  agus  nach  e  idir  bean-chomuinn 
no  companach  gaolach.  Chan  'eil  e  uiread 
agus  ag  ainmeachadh  nan  nithean  a  bhios 
a'  taladh  gliillean  oga  an  diugh  an  uair 
a  bhios  iad  ag  iarraidh  mnatha  ;  an  coslas, 
am  boidhchead,  an  comhradh,  an  grinneas, 
taitneas  an  companais,  an  guth  cinn,  fiamh 
an  gaire,  agus  fichead  rud  eile  de'n  t-seorsa 
sin  nach  gabh  cur  air  a'  mheidh.  Chan 'eil 
gaol  air  ainmeachadh  mar  aon  de  chomh- 
arraidhean  na  mnatha  shubhailcich,  ged 
tha  e  air  a  radh  gu  bheil  i  fialaidh  agus  gu 
bheil  lagh  a'  choibhneis  air  a  teangaidh,  da 
chomharradh  mhaith.  'S  e  bha  dhith  air  an 
duine  so  boirionnach  laidir,  maith  air  obair, 
maith  air  moch-eirigh,  maith  air  banachas- 
tighe,  nach  rachadh  air  cheilidh,  agus  nach 
biodh  mionaid  'n  a  tamh  ;  te  a  bhiodh  a' 
figheadh  no  a'  sniomh  an  uair  nach  biodh 
an  corr  aice  ri  dheanamh. 

Tha  mtighadh  mor  eadar  an  daimh  agus 
an  companas  a  bha  aig  fir  agus  boirionnaich 
ri  cheile  anns  an  t-seann  t-saoghal  ludhach 
's  a  tha  aca  ri  cheUe  an  diugh  ann  an  duthch- 
annan  Criosduidh.  Is  e  teagasg  agus 
eisiomplair  Chriosd  a  rinn  an  t-atharrachadh 
sin  agus  a  thug  dhaibh  saorsa  agus  cothrom 
air  am  buadhan  banail  a  chur  gu  feum  anns 
an  t-saoghal.  Tha  grinneas  agus  blaths  agus 
caomhalachd  agus  mineachd  ann  an  nadur 
bhoirionnach  nach  'eil  ann  an  nadur  fhear, 
agus  is  maith  gu  bheil  riaghladh  theagh- 
laichean  a  nis  ann  an  lamhan  bhoirionnach 
a  tha  'n  am  mathraichean  gaolach  a  thuil- 
leadh  air  a  bhi  'n  am  mnathan-tighe  sgoin- 
neil.  Ged  is  maith  sgoinn,  is  fhearr  gaol, 
agus  mar  is  mo  tha  gaol  agus  companas  agus 
grinneas  air  an  nochdadh  anns  an  dachaidh, 
an  rioghachd  thalmhaidh  anns  a  bheil 
mnathan  a'  riaghladh,  is  ann  as  luaithe  a 
bhios  an  rioghachd  neamhaidh  air  a  cur  air 
chois.  Is  sona  am  fear  aig  a  bheil  bean 
mhath,  agus  seachd  sona  a'  chlann  a  fhuair 
an  ceud  smuaintean  mu  Dhia  agus  mu 
Chriosd  o  bhUean  am  mathar,  bilean  nach 
6'  urrainn  breug  innseadh. 


Rannsaichibh  na  Sgriobtuirean 


BHIODH-  e  na  b'  fhearr  dhonih  a  r^dh, 
Ceasnaichibh  sibh  fhein  a  thaobh  'ur  n- 
eolais  air  a'  Bhiobull,  oir  chan  'eil  rud  eile 
'n  am  bheachd  ach  a  mhain  gu'm  faiceadh 
sibh  air  ar  son  fhein  cia  dhiubh  a  tha  no  nach 
'eil  an  t-eolas  agaibh  air  a'  Bhiobull  a  bu 
choir  a  bhi  aig  daoine  a  bha  air  am  baisteadh, 
agus  a  bha  ann  an  sgoil-Shabaid  agus  ann 
an  sgoil-sheachduin  naoi  no  deich  no  dusan 
bliadhna.  Cha  ruig  sibh  a  leas  na  ceistean 
a  fhreagairt  ach  'n  ur  n-inntinn  fhein,  agus 
cha  mho  a  bhios  iad  duilich,  oir  cha  bhiodh 
e  ceart  ceistean  beaga  suarach  a  chur  sios 
nach  b'urrainn  daoine  a  tha  gu  maith 
eolach  anns  a'  Bhiobull  a  fhreagairt,  ceistean 
mar  so,  c'ainm  a  bha  air  athair  losua,  no  air 
mathair  Mhaois,  no  c6  athair  Maher-salal- 
has-bas,  no  gu  de  'n  aois  a  bha  Terah  an 
uair  a  shiubhail  e. 

(1)  Co  a  thubhairt  so,  agus  c6  ris  a  thubhairt 

e  e,  "  Bu  tearc  agus  olc  laithean 
bliadhna  chan  mo  bheatha." 

(2)  Gu  de  a  thuirt  Rut  ri  Naomi,  a  mathair- 

cheile,  an  uair  a  dh'iarr  i  oirre  fhein 
agus  air  Orpah  dealachadh  rithe  ? 

(3)  Gu  de  na  tiodhlacan  a  thug  na  driiidhean 

as  an  aird  an  ear  do'n  leanabh  naomh 
ann  am  Betlehem,  agus  gu  de  dh'iarr 
Herod  air  na  driiidhean  a  dheanamh  ? 

(4)  Abair  gu   beag   riut   fhein  Urnuigh   an 

Tighearna  agus  an  dara  Laoidh, 
"  Dhe  Bheteil  le  d'  laimh  thoirbh- 
eartaich  .  .  .  ." 

(5)  "  'S  i  so  an  diadhaidheachd  fhior-ghlan 

agus  neo-shalach  am  fianuis  Dhe 
agus  an  Athar  .  .  .  ."  Criochnaich 
an  rann  sin,  agus  innis  c6  sgriobh  i. 

(6)  Ainmich  coig  nithean  ris  an  do  choimeas 

Criosd    rioghachd    neimh. 

(7)  Gu  de  na  nithean  naomha  a  bha  air  an 

tasgadh  ann  an  aire  a'  Chiimhnant  ? 

(8)  A  bheil  cuimhne  agad  air  geallaidhean 

anns  an  t-Seann  Tiomnadh  a  bha 
air  an  coimhlionadh  ann  an  Criosd  ? 

(9)  Ge    de   thuirt    Criosd    mu    airgiod,    mu 

mhacantas,  mu  leanaban,  mu  chreid- 
eamh,  mu  mhaitheanas,  mu  thigh 
'Athar  ? 


(10)  Co  a  thainig  e  a  shireadh  agus  a  thearn- 

adh,  agus  c6  ris  a  theireadh  e  "  anam 
caillte  "  1 

(11)  Co  a  shiolaidheadh  a'  mheanbh-chuileag 

agus  a  shluigeadh  an  camhal,  agus 
ciod  a  tha  sin  a'  ciallachadh  ? 

(12)  Co  a  thuirt,  Ciod  is  ciall  duibh,  a'  gul 

agus  a'  briseadh  mo  chridhe , 

agus  CO  ris  a  thubhairt  eel 

(13)  Ainmich    na    tha    cuimhne    agad    orra 

de  na  nithean  ris  an  abradh  Pol 
armachd  Dhe. 

(14)  Co   sgriobh  an  leabhar  mu  dheireadh 

anns  an  t-Seann  Tiomnadh,  agus  gu  de 
am  facal  mu  dheireadh  ann  ?  Gu  de 
am  facal  mu  dheireadh  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh  ? 

(15)  "  Tha  an  Spiorad  agus  a'  bhean  nuadh- 

phosda  ag  r^h  .  .  .  ,"  criochnaich 
so.  Co  i  a'  bhean  nuadh-phosda  ? 

(16)  Gu  de  a  thachair  ann  an  gleann  Achoir, 

agus  air  gleann  Aialoin,   agus   c6  a 
ghradhaich    bean   ann   an   gleann 
Shoreic  ? 

(17)  "  Aon  ni  ghuidh  mi  air  an  Tighearna 

.  .  .  ,  Criochnaich  so  Co  thubhairt  e  ? 

(18)  Co   dh'iarr   air   Criosd  imeachd  as   an 

cr  10 chan,  agus  car  son  ? 

(19)  "  Ge  b'e  neach  a  ghabhas  naire  dhiomsa, 

agus  de  m'  bhriathran  .  .  .  ," ;  crioch- 
naich so.     Co  thubhairt  e  ? 

(20)  Co    dh'iarr   air   an    Tighearna    cead   a 

thoirt  dha  cromadh  ann  an  tigh 
Rimoin  ? 

(21)  Ainmich  oibre  na  feola  mar  tha  iad  air 

an  cur  sios  le  Pol. 

(22)  Ainmich    oibre    an    Spioraid ;     c6    an 

litir  anns  a'  bheil  e  'g  an  ainmeach- 
adh? 

(23)  Cha  d'thug  sinn  ni  air  bith  leinn  do 

'n  t-saoghal  so  .  .  .  , ;   criochnaich  so. 

(24)  Rach  thairis    'n   ad   inntinn   fhein   air 

cuid  de  na  nithean  a  tha  am  BiobuU 
ag  radh  mu  Fhacal  Dhe,  nithean  mar 
so,  "  Tha  facal  Dhe  beo  agus  cumh- 
achdach  .  .  .  ." 


Aig  an  Uinneig 


An  "  Loch  Siphort" 

AN  uair  a  ehunnaic  mi  anns  na  paipearan- 
naidheachd  gu'n  do  thoisich  am  bata  ur 
agus  am  b^ta  riomhach  so  air  ruith  eadar 
an  Caol  agus  Steornabhagh  bu  ghasda  leam., 
na'n  robh  an  t-sid  na  b'fhearr  agus  barrachd 
airgid  agam,  togail  orm  agus  an  t-aiseag  a 
ghabhail  innte  do  Leodhus,  a  dheanamh  mo 
bheic  aon  uair  eile  do  Mhac  Brayne  agus  do 
na  b&taichean  a  chum  e  a'  dol  am  measg 
nan  Eileanan  an  lar  o  chionn  tri  fichead 
bliadhna.  Tha  mi  an  duil  nach  'eil  lamh 
aig  an  teaghlach  an  diugh.  'n  an  oibreachadh, 
no  roinn  'n  am  buannachd,  ach  b'olc  an 
airidh  gu'n  rachadh  an  t-ainm  Mac  Brayne 
agus  an  Luidhear  Dearg  as  an  t-sealladh,  ann 
am  puirt  na  Gaidhealtachd  agus  nan  Eil- 
eanan. Chan  'eil  uair  a  chi  mi  te  de  na 
bataichean  aige  nach  toir  mo  chridhe  leum 
as  mar  a  leumas  e  an  uair  a  cbi  mi  bratach 
Bhreatuinn  a'  crathadh  anns  an  t-soirbheas, 
oir  tha  iad  a'  diisgadh  chuimhneaehan  ann 
am  inntinn  air  laithean  anns  an  robh  Mac 
Brayne  'n  a  Oide  do'n  Ghaidhealtachd  uile 
mar  nach  robh  gin  de  na  tighearnan-fearainn 
riamh,  a'  deanamh  air  ar  son  a  cheart  rud 
a  rinn  Sir  Walter  Scott  air  ar  son  na  bu 
traithe.  Duine  a  thog  agus  a  chuir  air  sal 
bataichean  uasal  mar  bha  an  Columba, 
'  an  lona,  an  Claym.ore,  an  Clansman,  agus 
an  Clydesdale,  a  dh'fhosgladh  suas  na 
Gaidhealtach,  an  uair  a  bha  a'  Ghaidheal- 
tachd bochd  agus  lom,  cha  bu  duine  e  aig 
nach  robh  an  da  chuid  inntinn  fhal"suinn 
agus  misneach. 

Bha  mi  air  mo  thogail  ann  an  eilean 
iomallach,  ach  ged  bhithinn  a'  sealltuinn  a 
h-uile  la  tha  air  a'  Bheinn  Mhoir  Mhuilich 
agus  air  Ciochan  Dhiiira  cha  b'e  Muile  no 
Diura  a  dhuisg  an  smuain  'n  am  inntinn  an 
toiseach  gu  robh  saoghal  a  bu  mhotha  na 
eilean  m'araich  thall  air  chul  nam  beann, 
ach  ^bataichean  Mhac  Brayne.  An  uair  a 
bhithinn  'n  am  shuidhe  air  cnoc  a'  faicinn 
'n  am  bataichean  a'  dol  as  an  t-sealladh  aig 
bun-bac  na  speur  bhiodh  m'inntinn  Ian 
smuaintean  agus  cheistean  mu'n  t-saoghal 
mhor  ud  nach  b'aithne  dhomh,  agus  iarraidh 
agam  air  eolas  fhaotainn  air.  Mar  sin  is  e 
Mac  Brayne  a  theagaisg  dhomh  an  toiseach 
cho  beag  's  a  tha  "  Lub  a'  gheoidh." 

Bha  latha  mor  aca  ann  an  Steornabhagh 
a'  cheud  uair  a  chaidh  an  Loch  Siphort  ri 
taobh  a'  Cheidhe  ;  dinnear  anns  a'  cheabean 
aig  an  robh  maithean  a'  bhaile,  iasg  agus 


feoU  agus  oraidean  agus  theagamh  deur  beag 
de  stuth  leis  an  oladh  iad  deoch-slainte  an 
Sgiobair  agus  an  sgiobaidh,  deoch-slainte 
Mhaighstir  Leith  agus  Comunn  Mhac  Brayne, 
agus  agh  is  soirbheachadh  do'n  bhata  iir. 

Ach  ged  bha  an  Ceidhe  dumhail  le  daoine 
a'  cur  faUte  air  Ban-righ  nan  Eileanan, 
brataichean  a'  snam.h  os  cionn  thighean 
agus  bhuthan,  agus  f  ideagan  agus  diidaichean 
a'  biiirich  air  gach  bata  beag  no  m.6r  anns  an 
acarsaid,  cha  chuala  mi  (aig  an  am  no  bhuaith 
sin)  gu'n  do  rinn  no  gu'n  do  she  inn  duine 
idir  rann  drain  a  chur  failte  air  a'  bhata 
loinneil  so,  Graidheag  an  Taobh  Tuath. 
Ud,  ud,  mo  naire  ;  c'aite  a  bheil  baird 
Leodhuis  ?  Bha  la  eile  ann,  la  anns  nach 
rachadh  geola  no  eathar  ur  air  phlod  gun 
a  cliii  a  bhi  air  a  sheinn,  gun  tighinn  air 
leithid  a'  bhata  rioghail  so  a  bheir  toileach- 
adh  agus  comhfhurtachd  do  luchd-turuis 
eadar  Steornabhagh  agus  tir-mor  nach  robh 
aca  riamh.  Na'm.  bu  bhard  mise  cha  leiginn 
leis  an  tamailt  so  laighe  air  mo  luchd-duthcha 
ach  ged  nach  'eil  ealain  agam  air  ranntachd, 
agus  nach  urrainn  dhom.h  rannan  iira  a 
dheanam.h,  ni  mi  an  ath  rud  as  fhearr, 
cuiridh  mi  sios  air  an  duilleig  so  m.ar  fhailte 
do'n  Loch  Siphort  raiin  no  dha  a  rinn  posta 
ann  an  Tiriodh  do  ghabart-guail  d'am 
b'ainm  am  Primrose,  ag  atharrachadh 
shreathan    nach    'eil    freagarrach. 

Horo  mo  bhata  lurach,  'm  bata  loinneil  iir, 
Beannachd  leis  a'  bhata  's  aillidh  chaidh  air 

cuan  ; 
Horo  mo  bhata  lurach,  dionach,  laidir,  luath, 
Mac  Brayne  is  Braithrean  Denny  gheibh  gu 

brath  an  cliii. 

Tha  i  nis  'n  a  h-uidheam,  ullamh  le  cuid 

bhall, 
lioram.  ann  am  fairge  ;   o  druim  gu  clar  gun 

mJheang  ; 
Liithor  a  cuid  ghillean,  's  iad  gun  ghiorag 

cuain, 
Mac  Artuir  air  an  Drochaid,  fuireachail  is 

cruaidh. 

A  Dhia   nan   dul,   seun  thus'   an  iubhrach 

lurach  ghrinn, 
0  dhosgaidh  cuain  le  ceo,  no  sneachd,  no 

briseadJi  bhall  no  stiuir  ; 
Thar   sgioba   sgairteil,    treubhach,    tapaidh, 

sgaoil  gach  la  do  sgiath, 
'S  bidh  aithris  bhuan,  o'n  Chadl  gu  Cluaidh, 
air  path  is  luaths  Loch  Siphort. 


Is  learn  fhein  e 


B'  AITHNE  dhomh  gu  maith  an  duine  a 
rinn  an  dan  so,  DomhnuU  Domhnullach, 
a  rugadh  anns  a'  Chaolas,  an  Tiriodh,  an 
1858,  agus  a  shiubhail  an  Canada,  an  1919. 

Bha  ceann  maith  air,  agus  mar  a  b'aithne 
dhomhsa  e,  b'e  'n  Contractor  a  theireamaid 
ris,  oir  bhiodh  e  a'  cur  suas  thighean  air 
thairgse.  'N  a  oige  bha  e  ag  obair  ann  an 
Sasunn,  an  Canada,  agus  an  America,  agus 
air  a'  cheann  mu  dheireadh  chaidh  e  fhein 

Le  dichioU  maith  o  la  gu  la, 
Ag  obair  trath  is  anmoch, 
'S  a'  cur  mu  seach  gach  peighinn  bhan, 
An  aithn'  a  dh'fhag  mo  sheanmhair  ; 
An  uair  bhiodh  each  a'  pasgadh  lamh, 
'S  a'  canran  taobh  a'  ghealbhain, 
Bha  mise  deanadach  a  ghnath, 
Is  sh^bhail  mi  suim  airgid. 

An  uair  bhiodh  geocairean  ri  poit 
An  tighean-osd'  's  air  margadh, 
A'  cur  an  cuid  an  eirig  stop 
'S  a'  boUich  mu  na  chaill  iad, 
Bha  mis'  air  luing  a'  cosnadh  stoir 
'S  a'  toirt  mo  loin  bharr  fairge  ; 
Is  uidh  ar  n-uidh  le  ciiram  mor, 
Gu'n  d'  rinn  mi  moran  airgid. 

Thig  fear  fiasagach  le  aoibh 
Is  foighnichidh  e'n  drasd  mi, 
Ag  iarraidh  orm  mo  chuid  a  roinn 
Is  leth  a'  chroinn  thoirt  dhasan. 
Innsidh  e  dhomh  mar  bu  choir 
Mo  st6ras  chur  a  phaigheadh 
Gach  ainbhfhiach  tha  air  daoine  bochd 
A  tha  gun  chosnadh  laitheil. 


agus  a  bhean  agus  a  theaghlach  a  null  do 
Chanada  a  ris,  far  an  robh  e  'n  a  Architect 
an  Ottawa  fo  Riaghaltas  Chanada, 

Bha  grain  eagallach  aige  air  daoine  leasg, 
agus  air  daoine  gun  sprachd  a  leigeadh  an 
taic  ri  daoine  eile,  agus  is  e  an  t-aobhar  gu 
bheil  mi  a'  cur  sios  nan  rannan  so  air  an 
duilleig  so,  gu  bheil  mi  a'  creidsinn  le  m'uile 
chridhe  anns  na  prionnspalan  a  bha  aig 
mo   sheana   char  aid. 

'S  e'n  creud  an  diugh  a  th'aig  gu  leoir, 
Bhi  'n  toir  air  cuid  an  n^buidh, 
Gach  leisgean  nach  do  rinn  car  riamh 
Tha  'g  iarraidh  a  bhi  'm  pairt  rium, 
Ach  abradh  gach  neach  a  thoU 
Mu'n  Ion  a  th'anns  an  t-seors'  ud, 
Chan  abair  mise  ris  na  coin 
Ach  "  Robairean  is  Meirlich." 

Rinn  mi  treabhadh  air  cul  seisrich, 
Is  leasaich  mi  buntata  ; 
Chuir  mi  seagal,  coirc',  is  eorna, 
Is  rinn  mi  moran  aitich  ; 
Chuir  mi  cearcan  air  ghur 
A  chuideachadh  a'  mhail  dhomh, 
Is  iarrar  orm  mo  chuid  a  roinn 
Ri  lunndairean  gun  naire. 

Cho  fad  's  a  dh'fhanas  daoine  glic 
Bidh  meas'  air  fear  an  dichill. 
Is  bidh  an  leisgean  daonnan  falamh, 
Bochd,  gun  rath,  gun  direadh  ; 
Faodaidh  am  Bolshevic  stad 
D'  a  ch^nran  is  d'  a  mhiomhadh 
Choisinn  mi  mo  chuid  gu  ceart 
'S  na  th'agam.  Is  learn  fhin  e. 


Glbir  is  moladh 


Gloir  is  cHu  do  Dhia  an  t-Athair, 
Is  do  Dhia  am  Mac  ro  chaoin  ; 
Gloir  is  cliii  do  Dhia  an  Spiorad  : 
Righ  is  Tighearn,  Tri  an  aon ! 

Gloir  is  moladh 
Biodh  do  Dhia  gu  saogh'I  nan  saogh'l ! 


Gloir  do'm  ti  a  nochd  a  ghradh  dhuuin, 
Ghlan  gach  lochd  is  truailleachd  uainn ! 
Gloir  do'n  ti  thug  fhuil  g'ar  tearnadh, 
Thug  dhuinn  coir  air  rioghachd  bhuain ! 

Gloir  is  moladh 
locamaid  do  Chriosd  an  t-Uan ! 


Gloir  is  cliu  do  righ  nan  aingeal, 
Ceann  na  h-Eaglais,  righ  a  shluaigh 
Moladh  losa,  righ  nan  cinneach, 
Neamh  is  talamh  biodh  a'  lua'idh ! 

Gloir  is  moladh 
Biodh  gu  sior  "do  righ  nam  buadh ! 


HOBATIUS  BONAR. 

Ead.  le  Iain  Mac  Ghillbbhain. 


Aireamh  3 


1948 


Danachd  naomh 

Leis  an  Urramach  Ruairidh  Moireasdan,  Steornabhagh. 

Thigeamaid  uime  sin  le  danachd  gu  righ-chaithir  nan  gras,  chum  gu  faigh  sinn 
trdcair,  agus  gu'n  amais  sinn  air  gras  chum  cabhair  ann  an  am  feuma. — Eabh.  iv.  16. 


BEACHDAICH  an  toiseach  air  An  Cleachd- 
adh  spioradail  a  dh'ionyisuidh  am  bheil  sinn 
air  ar  gairm  :  "  Thigeamaid.  gu  righ-chaithir 
nan  gras." 

'Sea'  chaithir  tha  so  cathair  Dhe,  air  am 
bheil  an  t-Athair  'n  a  shuidhe  agus  a  Mhac 
aig  a  dheas  laimh,  cathair  moralachd  agus 
gloir  Dhe  a  bhitheas  la  eigin  'n  a  caithir 
breitheanais.  Theirear  caithir  grais  ris  a' 
chaithir  so  an  diugh  a  chionn  agus  gur  e  so 
linn  nan  gras  ;  tha  Dia  nan  gras  'n  a  shuidhe 
air  a'  chaithir  so  ;  tha  e  feitheamh  ri  bhi 
grasmhor,  agus  tha  an  t-slighe  fosgailte 
do  neach  sam  bith  a  tha  a'  cur  feum  air 
trocair  a  thighinn  a  steach  a  dh'  ionnsuidh 
lathaireachd  Dhe.  Tha  Dia  'n  a  shuidhe 
air  caithir  grais  a'  feitheamh  ri  neach  sam 
bith  a  thig  'n  a  eiseamail. 

Tha  sinn  air  ar  cuireadh  a  thighinn  dliith. 
Tha  am  facal  a'  gabhail  a  stigh  gur  coir 
dhuinn  a  thighinn  ann  an  spiorad  aoraidh. 
'S  ann  gu  caithir  grais  tha  sinn  a'  tighinn. 
Tha  an  Dia  a  tha  'n  a  shuidhe  air  a'  chaithir 
sin  'n  a  Dhia  naomh  agus  gloirmhoir.  Chan 
'eil  e  iomchuidh  gu'n  ruith  sinn  gu  h-aotrom 
mi-churamach  a  steacli  'n  a  lathair.  Tha 
aoradh  agus  urram  dligheach  dha.  Tha 
na  h-ainglean  a'  comhdach  an  aghaidhean  'n 
a  lathair.  Bhiodh  e  buileach  mi-chiatach 
gu'n  tigeadh  daoine  peacach  'n  a  lathair 
ann  an  doigh  sam  bith  eile  ach  le  urram  agus 
le  aoradh. 

Thainig  naoimh  an  t-Seann  Tiomnaidh 
'n  a  lathair  le  iobairt.  As  eugmhais  iobairt 
cha  robh  rian  air  tighinn  dlixth  do  an  Dia 
naomh.  Tha  an  dearbh  ni  fior  do  ar  taobh- 
ne.  Feumaidh  sinne  cuideachd  a  thighinn 
dluth  le  ar  n- iobairt.  Ach  ciod  e  an  iobairt  ? 
Cridhe  briste,  briiite,  a'  taiceachadh  air 
eifeachd  iobairt  Chriosd.  Feumaidh  sinn 
tighinn  gu  caithir  grais  le  beo-mhothachadh 
air  ar  neo-airidheachd  fhein  agus  le  creideamh 
ann  an  eifeachd  iobairt-reitich  Chriosd.  Sin 
an  aon  tabhartas  leis  an  tig  sinne  gu  soirbh- 
eachail  gu  caithir  grais. 


Urnuigh  agus  moladh 

Anns  an  rian  aoraidh  a  th'againne  saoilidh 
neach  gur  h-e  an  searmon  a'  chuid  as  cudth- 
romaiche  de'n  t-seirbhis.  Gun  teagamh  tha 
aite  fhein  aig  an  t-searmon  ;  is  meadhon 
beannaichte  e  air  son  oideachadh  nan  naomh 
agus  iompachadh  nam  peacach  ;  agus  tha 
Dia  gu  trie  'ga  bheannachadh  a  chum  nan 
criochan  sin.  Ach  tha  an  urnuigh  agus  an 
t-seinn,  ma  tha  sinne  'g  an  cleachdadh  anns 
an  spiorad  anns  an  coir  dhuinn,  a  cheart 
cho  cudthromach,  mur  'eil  iad  na's  cudth- 
romaiche.  Anns  an  t-searmon  tha  Dia  a' 
labhairt  ri  daoine  tre  a  sheirbhisich.  Ann  an 
urnuigh  agus  seinn  tha  daoine  a'  labhairt 
ri  Dia  aghaidh  ri  aghaidh.  Tha  searmon- 
achadh  a'  gairm  dhaoine  a  tha  astar  o  Dhia 
'g  a  ionnsuidh.  Ann  an  urnuigh  agus  moladh 
tha  daoine  ag  aideachadh  a  bhi  ann  an 
lathaireachd  Dhe  ag  aoradh  gu  h-urramach. 
Agus  neach  sam  bith  aig  am  bheil  fein- 
fhiosrachadh  spioradail  idir,  is  math  tha 
fios  aige  nach  'eil  luach  sam  bith  ann  an 
searmonachadh  mur  a  gluais  e  daoine  gu 
cleachdaidhean  spioradail  na  h-urnuigh  agus 
moladh,  gu  creideamh  agus  deiligeadh  spior- 
adail ri  Dia. 

Gu  tighinn  dluth  ri  Dia  anns  an  fhior 
sheagh  feumaidh  sinn  chan  e  mhain  .eisdeachd 
agus  a  bhi  air  ar  n-oideachadh,  feumaidh 
sinn  ar  smuaintean  a  thionndadh  gu  Dia, 
feumaidh  sinn  labhairt  ris  agus  aoradh 
thoirt  dha  leis  a'  chridhe.  Faodaidh  cleachd- 
adh an  ?ioraidh,  ann  am  follais  no  gu  h- 
uaigneach,  a  bhi  'n  a  chleachdadh  fuar 
marbh  gun  fheum.  Ma  tha  ar  n-aoradh  gu 
bhi  'n  a  fhior  aoradh  feumaidh  an  cridhe  a 
bhi  togta  suas  ri  Dia  ann  an  irioslachd 
mhuinghinneach  a'  chreidim.h.  Is  Spiorad 
Dia  agus  is  caithir  spioradail  caithir  Dhe  ; 
agus  tha  sinne  a'  dlMhachadh  ris  a'  chaithir 
sin  nuair  tha  sinn  a'  togail  suas  ar  n-anama 
ri  Dia,  ann  an  spiorad  agus  ann  am  firinn, 
ann  an  aoradh  urramach  ;    agus  's  e  sin  an 


DANACHD  NAOMH 


cleachdadh  gus  am  bheil  ar  ceann-teagaisg 
'g  ar  gairm.  "  Thigeamaid  am  fagus  gu 
righ-chaithir  nan  gr^s." 

Beachdaieh  anns  an  dara  h-aite  air  an 
spiorad  anns  an  coir  dhuinn  tighinn  dliith  : 
"  Thigeamaid  le  danachd.''  ■ 

Cha  ruig  mi  leas  a  radh  gu  bheil  eadar- 
dhealachadh  mor  eadar  an  danachd  so  agus 
ladarnas.  Tha  a  leithid  de  ni  ann  ri  bhi 
tighinn  dluth  do  Dhia  gu  ladarna.  Nuair 
tha  duine  sam  bith,  agus  e  ag  aideachadh 
a  bhi  ag  aoradh  do  Dhia,  a'  dichuim.hneach- 
adh  gu  bheil  e  'n  a  pheacach  ;  nuair  tha  e 
anns  a'  bheachd  gvi  bheil  coir  na  's  fhearr 
aige-san  tighinn  an  lathaireachd  Dhe  na 
tha  aig  cuid  eile  d'e  cho-chreutairean  ;  gu 
bheil  ni-eigin  'n  a  bheatha-san  no  'n  a 
chliu-san  a  tha  cosnadh  dha  fabhar  son- 
raichte,  tha  danachd  an  duine  sin  'n  a 
pheacadh ;  tha  aoradh  an  duine  sin  mar 
dheatach  ann  an  cuinneanan  Dhe ;  tha 
iirnuigh  an  duine  sin  mar  urnuigh  an  Phair- 
asaich  's  an  teampull ;  chan  'eil  f  ior  thighinn 
dliith  do  Dhia  anns  a'  chilis  idir  ;  chan  'eil 
f  ireantachd  air  a  shon-san. 

Feumaidh  an  danachd  gu  bheil  sinn  air  ar 
gairm  a  bhi  air  a  bhonntachadh  gu  buileach 
air  trocair  Dhe  ann  an  Criosd.  Agus  tha  sin 
a'giulan  leis  da  smuain  a  chaidh  ainmeachadh 
cheana.  An  toiseach,  beo-mhothachadh  air 
neo-airidheachd.  Nuair  a  chailleas  duine 
lorg  air  gur  peacach  mor  e  fein  tha  danachd 
an  duine  sin  a'  tionndadh  gu  ladarnas.  Tha 
mothachadh  peacaidh  'n  a  elemaid  do- 
sheachnaichte  ann  an  danachd  shoisgeulach. 
Tha  sinn  a'  call  urram  do  Dhia  nuair  tha 
sinn  a'  call  lorg  air  ar  peacaidh.  Danachd 
gun  urram,  chan  'eil  an  sin  ach  ladarnas. 
'S  e  mothachadh  peacaidh,  ma  ta,  a'  cheud 
eilamaid  anns  an  danachd  gu  bheil  sinn  air 
ar  gairm. 

Ach  's  e  an  dara  eilamaid  agus  an  eilamaid 
chudthromach  mothachadh  soilleir  spioradail 
air  iuach  iobairt  Chriosd.  'S  e  so  fior 
ghrunnd  ar  danachd.  Ma  tha  so  a  dhith 
oirnn  cha  dean  mothachadh  peacaidh  gu 
brath  dhuinn  ach  eagal  trailleil  a  dhiisgadh 
'n  ar  cridhe.  Cha  tig  duine  gu  brath  dluth 
do  Dhia  mur  'eil  aige  ach  mothachadh 
peacaidh.  Ach  nuair  tha  peacach  a'  tuig- 
sinn  gu'n  d'rinn  Dia  ann  an  Criosd  reite  air 
son  ar  peacaidhean  agus  gu  bheil  Fear-saor- 
aidh  beo  aig  deas-laimh  Dhe  air  a'  chaithir, 
gu  bheil  Dia  air  sgath  Chriosd  a'  maitheadh 
pheacaidhean  agus  'g  an  cur  gu  brath  as  a 
shealladh,  tha  danachd  aig  an  duine  sin  ann 
a  bhi  tighinn  dluth. 


An  creideamh  a  thearnas 

So  far  am  bheil  creideamh  a'  faotainn 
cleachdadh.  Feumaidh  sinn  tomhais  son- 
raichte  de  chreideamh  chum  fior  mhothach- 
adh  peacaidh  a  bhi  againn.  Ach  chan  'eil 
am  mothachadh  sin  a'  toirt  com.hfhurtachd 
sam  bith  dhuinn  no  danachd.  Cha  dean  e 
ach  ar  eionta  fhoillseachadh  dhuinn  agus  's  e 
eagal  trailleil  roimh  Dhia  a  thoradh.  An 
creideamh  nach  'eil  a'  toirt  leis  ach  moth- 
achadh peacaidh  chan  fhaigh  sinn  uaith  ach 
eolas  ar  ditidh.  An  creideamh  a  tha  tearnadh 
agus  a  bheir  comihurtachd,  sin  an  creideam.h 
a  tha  faicinn  Iuach  iobairt  Chriosd  agus  a' 
socrachadh  air.  xlgus  ged  tha  beo-mhoth- 
achadh aige  air  na  tha  am  peacadh  a' 
toilltinn  tha  e  a'  faicinn  gu  bheil  trocair  Dhe" 
na  's  mo  na  peacadh,  agus  tha  e  a'  greimeach- 
adh  air  trocair  Dhe  agus  a'  foiseachadh  air. 
'S  ann  an  so  a  mhain  a  tha  fior  bhonn  danachd 
shoisgeulach.  Chan  urrainn  an  danachd  a 
tha  a'  socrachadh  air  a'  bhonn  so  a  bhi 
ro-dhana  :  "  larraidh  sibh  an  ni  as  aill  leibh 
agus  bheirear  dhuibh  e."  Thig  sinn  le 
danachd  gu  righ-chaithir  nan  gras,  do 
bhrigh,  ged  tha  fios  againn  gu  bheil  sinn  'n 
ar  peacaich  agus  ged  tha  an  t-eolas  sin  'g  ar 
cumail  iriosal,  tha  fios  againn  gu'n  glan 
full  losa  Criosd  o  na  h-uile  peacadh,  agus 
gu  bheil  againn  danachd  agus  slighe  gu  dol  a 
steach  ann  am  muinghin  tre  a'  chreideamh- 
san. 

Sin,  ma  ta,  an  spiorad  anns  an  coir  dhuinn 
tighinn  dluth  do  Dhia. 

Trocair  agus  gras 

Beachdaieh  anns  an  treas  aite  air  Na 
Beannachdan  a  shealbhicheas  sinn  tre  bhi  a' 
tarruing  dliith  :  "  gu  faigh  sinn  trocair,  agus 
gu'n  amais  sinn  air  gras  chum  cabhair  ann 
an  am  feuma." 

'S  e  na  beannachdan  a  gheibh  sinn  trocair 
agus  gras  ;  agus  thig  sinn  'g  an  iarraidh 
agus  gheibh  sinn  iad  ann  an  am  feuma.  'S 
coir  dhuinn  a  thuigsinn  ciod  a  tha  am 
feuma  a'  ciallachadh.  Chan  'eil  e  a'  ciallach- 
adh  gu'm  bheil  amannan  feuma  'n  ar  beatha 
an  -  drasd  agus  a  rithis  agus  amannan  eile 
anns  nach  'eil  feum  idir  againn  air  trocair 
agus  gras.  Chan  e  sin  smuain  an  abstoil 
idir.  Faodaidh  e  bhi  fior  gu'm  bheil  amannan 
'n  ar  beatha  anns  am  bheil  sinn  na's  feum- 
aiche  na  aig  amannan  eile  ;  agus  tha  gealladh 
againn  a  thaobh  nan  amannan  sin  gu'm 
fritheil  Dia  gras  dhuinn  a  reir  ar  feum  ;  ni 
e  maille  ris'  a'  bhuaireadh  slighe  gu  dol 
as  tre  am  faigh  sinn  saorsa.  Ach  's  e  an  t-am 
feuma   'n  ar  ceann-teagaisg  an  t-am  a  tha 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


lathair.  Tha  Dia  air  caithir  grais  a  nis. 
Tha  feum  againne  air  a  ghras  a  nis.  Chan 
'eil  barantas  sam  bith  againn  ciod  e  cho 
fada  's  a  shuidheas  e  air  caithir  grais.  'S  e 
mhionaid  a  tha  lathair  am  ar  cothroim, 
fhad  's  a  tha  Dia  'n  a  shuidhe  air  caithir 
grais  agus  chan  ann  air  caithir  breitheanais. 
'Sea'  mhionaid  a  tha  lathair  am  ar  feuma, 
'sea'  mhionaid  a  tha  lathair  am  ar  cothroim. 
Agus  's  e  earail  ar  cinn-teagaisg  gur  coir 
dhuinn  tarruing  dltith  fhad  's  a  tha  an  t-am 
agus  na  suidhichidhean  fabharach. 

'S  e  ar  feum  gu  faigh  sinn  trocair  agus 
gu'n  amais  sinn  air  gras  chum  cabhair. 
Am  bheil  an  t-abstol  a'  ciallachadh  gur  coir 
dhuinn  eadar-dhealachadh  a  dheanamh  eadar 
trocair  agus  gras — ^eadar  an  ni  a  gheibh  sinn 
agus  an  ni  air  an  amais  sinn  ?  Chan  'eil  e 
furasd  a  bhi  cinnteach  uime  sin.  Chan  'eil 
ann  an  trocair  agus  gras  ach  mar  gu'm 
b'eadh  da  thaobh  de  ghradh  Dhe,  taisb- 
eanidhean  sonruichte  de  glu-adh  Dhe  air  am 
frithealadh  a  reir  feum  an  neach  a  tha  'g  am 
faotainn.  Aig  caithir  grais  tha  sinn  a' 
dltithachadh  ri  Dia.  Tha  ar  feum  agus 
gradh  Dhe  mu  choinneamh  a  cheile,  agus 
tha  ar  cionta-ne  agus  ar  n-anmhuinneachd 
air  an  coinneachadh  le  foghainteachd  Dhe, 
agus  tha  an  f  hoghainteachd  sin  f  o  ar  comhair 
mar  throcair  agus  gras. 

Feum  air  maitheanas 

Faodaidh  e  bhith  gu'm  bheil  trocair  ag 
amharc  ri  ar  feum  air  mathanas  mar  pheac- 
aich  chiontach,  gu'm  bheil  gras  a'  sealltuin 
ri  ar  feum  air  cuideachadh  'n  ar  beatha 
chriosdail.  Eadar  gu'm  bheil  sin  ann  an 
inntinn  an  abstoil  no  nach  eil,  tha  fios 
againne  math  gu  leoir  gu'm  bheil  sinne  anns 
an  da  sheagh  so  an  com.hnuidh  a'  seasamh 
ann  am  feum  air  cabhair  o  Dhia  agus  gur 
h-e  caithir -grais  an  t-aite  anns  am  bheil 
cabhair  ri  fhaotainn. 

'S  e  tha  ann  an  trocair  gradh  Dhe  ann  an 
cruth  truais  agus  co-fhaireachduin  a'  cuair- 
teachadh  beatha  duine  ann  an  doigh  chleachd- 


ail  neartachail.  Na  beachdaich  air  trocair 
Dhe  ann  an  doigh  fheallsanachail  mar 
bhuaidh  ann  an  Dia  fada  fada  os  ar  cionn 
air  am  faod  sinn  sealltuinn  o  astar  mor. 
'S  e  tha  ann  an  trocair  lamhan  gradhach 
Dhe  leagta  air  ceann  a'  pheacaich  chiontach 
a'  buileachadh  mathanais ;  's  e  th'ann  guth 
Dhe  a'  labhairt  sith  ri  coguis  chiontach,  a' 
toirt  fois  do  chridhe  leointe.  'S  e  th'ann  an 
trocair  gairdeanan  an  Athar  timchioll  a' 
mhic  stroghail,  guth  a'  mhathanais  air  a 
chluintinn  leis  an  truaghan.  ann  an  aith- 
reachas  aig  caithir  grais,  pog  na  reite  air 
bathais  a'  pheacaich.  'S  ann  aig  caithir 
grais  tha  a'  bheannachd  so  ri  shealbhachadh  ; 
's  a,nn  an  sin  tha  dorsan  d'anama  a'  fosgladh 
suas  agus  a'  ceadachadh  do  chumhachd 
ghrasmhor  naomhachaidh  Dhe  doirteadh  a 
steach  le  bhuaidhean  beannaichte,  Grian  na 
Fireantachd  a'  dealrachadh  air  d'anam,  a' 
soillseachadh,  a'  leigheas,  agus  a'  t.oirt  fas. 
Thigeamaid  am  fagus  a  chum  gu  faigh  sinn 
trocair. 

Feum  air  cuideachadh 

Faodaidh  gu'm  bheil  gras  a  chum  cabhair 
a'  sealtuinn  ri  caithe-beatha  chriosdail  agus 
seirbhis.  Tha  an  Criosdaidh  a  cheart  cho 
cinnteach  ris  a'  pheacach  a'  cur  feum  an 
comhnuidh  air  cabhair  Dhe.  Feumaidh  e 
sealltuinn  ri  Dia  chan  e  mhain  air  son 
mathanas  nam  peacaidhean  tha  seachad, 
ach  mar  an  ceudna  air  son  cuideachadh  'n  a 
sheirbhis  o  mhionaid  gu  mionaid  'n  a  bheatha. 

"  As  m'eughmhais-sa  chan  urrainn  sibh  ni 
sam  bith  a  dheanamh."  Agus  's  e  caithir 
grais  an  t-aite-coinnichidh  eadar  anmhuin- 
neachd  a'  chreidmhich  air  an  aon  laimh 
agus  cumhachd  Chriosd  air  an  laimh  eile. 
Tha  ar  n-obair  far  comhair  :  anam  ri 
thearnadh  agus  obair  ri  dheanamh  do  Dhia 
ann  an  saoghal  a  tha  a'  cur  feum  mor  air  : 
"  Thigeamaid  am  fagus  le  danachd  gu 
caithir  nan  gras,  a  chum  gu  faigh  sinn 
trocair,  agus  gu'n  amais  sinn  air  gras  a 
chum  cabhair  ann  an  am  feuma." 


Fo  Chraobh   Sheudair 

Cia  sona  'n  ti  do  theagasg  Dhe 
bheir  eisdeachd  gach  aon  uair, 

'S  ri  gliocas  neimh,  le  mdran  tlachd 
philleas  gu  moch  a  chluas. 


BHA  Alasdair  Greumach  air  a  thogail  ann 
an  dachaidh  dhiadhaidh  anns  nach  robh  an 
diadhaidheachd  air  a  deanamh  'n  a  h-uallach 
no  'n  a  h-eagal  do'n  chloinn  a  chionn  gu 
robh  am  parantan   'n  an  daoine  glic  agus 


tuigseach,  d'  am  b'  aithne  ciamar  a  riaghladh 
iad  an  teaghlach  mar  bu  niJiaith  le  Criosd. 
Bha  gaol  agus  sonas  agus  aoibhagus  blaths 
anns  an  dachaidh  daonnan,  ach  air  an  ciil 
agus  OS  an  cionn,  bha  urram  do  Dhia  agus 


4 


FO   CHRAOBH   SHEUDAIR 


d'a  fhacal,  air  chor  agus  nach  robh  teagamh 
aig  gin  de'n  chloinn  o'n  oige  gur  e  facal  Dhe 
a  tha  anus  a'  Bhiobull,  agus  gur  e  ceud 
dhleasdanas  an  duine  an  soisgeul  a  chreidsinn 
agus  toil  Dhe  a  dheanamh. 

Bha  Alasdair  Greumach  air  a  chunntas 
leis  na  coimhearsnaich  (agus  leis  fhein 
cuideachd)  'n  a  "  bhalach  maith,"a'  coirD.head 
nan  aithntean  o  oige  agus  air  a  dhaingneach- 
adh  ann  an  creideamh  athar  agus  a  mhathar 
leis  an  teagasg  a  fhuair  e  bhuapa,  agus  anns 
an  eaglais  agus  anns  an  sgoil  Shabaid. 
Ach  ged  bha  e  'g  a  chunntas  fhein  'n  a  bhalach 
maith,  cha  b'ann  mar  bhiodh  na  Phairisaich 
uaibhreach  a'  deanamh  uaill  as  am  fireant- 
achd,  oir  bha  fhios  aige  gu  'm  bu  pheacach 
e,  agus  nach  fireanaichear  duine  beo  am 
fianuis  Dhe  ach  a  mhain  le  creideamh  ann  an 
Criosd.  Bha  e  cinnteach  nach  e  gaol  beag 
ach  gaol  mor  a  bha  aige  do  Chriosd  'n  a 
chridhe,  agus  bhiodh  e  ag  radh  ris  fhein  gu 
'm  feumadh  gu  robh  "  creideamh  "  aige 
cuideachd  o  na  bha  gaol  aige  air  Criosd,  ach 
air  uairean  bhiodh  teagamh  a'  tighinn  'n  a 
chridhe,  agus  amharus  gu  robh  daoine  eile 
ann  an  daimh  dhluth  do  Chriosd  nach  b' 
aithne  dhasan. 

Bhiodh  e  ag  urnuigh  a  h-uile  latha,  agus 
a'  cleachdadh  meacUionan  nan  gras  cho 
riaghailteach  's  nach  robh  teagamh  aig 
duine  d'am  b'  aithne  e  gu  robh  e  air  a 
sheulachadh  m.ar  mhac  do  Dhia.  Ach  cha 
robh  inntinn  fhein  uile  gu  leir  aig  fois ; 
bhiodh  e  a'  cluinntinn  sheann  daoine  ag 
innseadh  anns  a'  choinneamh-iirnuigh  gu 
bheil  mtighadh  mor  eadar  creideamh  "  na 
cluaise  agus  na  h-inntinn  "  agus  creideamh 
"  slainteil  "  ann  an  Criosd,  ach  bha  sin  fhein 
'n  a  dheacaireachd  cho  mor  dha  's  nach 
robh  e  a'  faotainn  aon  cheum  na  b'fhaide 
air  aghaidh  ged  bhiodh  e  a'  meamhrachadh 
air  a  la  's  a  dh'oidhche. 

La  samhraidh  a  bha  e  a'  cruinneachadh 
chaorach,  agus  athair  a'  dol  'g  an  rhsgadh, 
thainig  teine-adhair  agus  tairneanach,  agus 
dile  uisge  cho  trom  's  gu'm  b'fheudar  dha 
ruith  gu  fasgadh  fo  chreig  mhoir  a  bha  dluth, 
far  nach  ruigeadh  an  t-uisge  air,  ged  bha  fuaim 
an  tairneanaich  os  cionn  na  creige  a'  cur 
crith  air  fheoil.  Thug  e  a  mach  as  a  phoca  an 
Tiomnadh  Nuadh  beag  a  bhuineadh  d'a 
bhrathair  a  bha  air  a  mharbhadh  aig  Neuve 
Chapelle  anns  an  Flu:-aing,  a  dhol  'g  a  leugh- 
adh  gus  an  rachadh  an  fhras  seachad.  B'  e 
an  earrann  a  leugh  e  ann  an  soisgeul  Eoin, 
The  a'  ghaoth  a'  seideadh  far  an  aill  leatha, 
agus  tha  thu  a'  cluinntinn  a  fuaim,  ach  chan 
'eil  fhios  agad  cia  as  a  tha  i  teachd,  no  c'aite 
a  bheil  i  dol ;  is  ann  mar  sin  a  tha  gach  neach 
a  tha  air  a  bhreith  o'n  Spiorad-. 


"  A  Thighearn  losa,"  thuirt  e  gu  beag  ris 
fhein,  mur  bheil  mise  air  mo  bhreith  o'n 
Spiorad  gu'm  b'e  so  an  la  agus  an  t-aite 
anns  .  .  .  Cha  d'fhuair  e  am  facal  a 
chriochnachadh,  no  an  t-iarrtus  a  bha  'n  a 
chridhe  a  chur  am  briathran  m'an  robh 
Criosd  maille  ris.  Cha  b'esan  a  thainig  gu 
Criosd,  ach  Criosd  a  thainig  thuige-san. 
Thainig  e  thuige  mar  thainig  e  a  dh'  ionn- 
suidh  nan  deisciobul  agus  na  dorsan  diiinte, 
gun  fhios  ciamar.  Ach  o'n  la  ud  bha  Alasdair 
Greumach  ann  an  saoghal  iir,  oir  dli'fhalbh 
an  t-eagal  agus  an  t-amharus  a  bha  'n  a 
chridhe  a  thaobh  na  daimhe  anns  an  robh  e  ri 
Criosd,  agus  bha  e  cho  cinnteach  gu  robh 
ceangal  siorruidh  eadar  Criosd  agus  e  fhein 
's  a  bha  e  gu  robh  a'  ghrian  anns  an  speur. 
Mar  gu'n  tuiteadh  lannan  bho  shiiilean  bha 
a  shiiilean  air  am  fosgladh  agus  chunnaic  e 
nach  ann  le  bhi  ag  iarraidh  a  bhi  'n  a  "  bhal 
ach  maith  "  a  dh'fhasadh  e  maith,  ach  le  e 
fhein  a  thoirt  do  Chriosd  gu  buileach  agus 
gu  toileach  mar  a  Shlanuighear  agus  a 
Thighearna.  Bha  e  cinnteach  nach  ann  as 
na  smuaintean  a  bha  'n  a  cliridhe  fhein  a 
thainig  am  fiosrachadh  ud  thuige,  ach  mar 
fhoillseachadh  o  Dhia,  Dia  ann  an  Criosd 
a'  labhairt  ris  mar  a  labhair  e  o  shean  ris 
na  faidhean  agus  ri  daoine  eile. 

An  ceann  greis  stad  an  tairneanach  is 
chaidh  an  t-uisge  as,  agus  chaidh  Alasdair 
Greumach  sios  leis  na  caoraich,  ach  bha 
oran  nuadh  'n  a  bheul  agus  am  facal  so 
anns  a'  Bhiobull  'n  a  chuimhne,  Bha  a' 
ghrian  air  eirigh  air  an  talamh  an  uair  a 
chaidh    Lot   a  steach  do   Shoar. 

Coig  bliadhna  deug  ar  fhichead  'n  a 
dheidh  sud,  agus  e  nis  ceithir  deug  is  da 
fhichead,  bha  e  fhein  agus  triiiir  eile  ann  an 
co-roinn  mu  bhtithan-marsantachd  a  bha  cho 
mor  's  gu'n  robh  os  cionn  da  mhiile  de 
luchd-obair  aca,  eadar  cleirich,  agus  luchd- 
frithealaidh,  agus  cairtearan.  Bha  iad  cho 
soirbheachail  anns  a'  mhalairt  a  bha 
aca  ri  China  agus  lapan  agus  na  h- 
Innsibh  an  Ear  's  gu'n. do  thoisich  iad  air 
bataichean  a  cheannach  agus  a  thogail 
dhaibh  fhein,  a  ghiulan  a'  bhathair  a  bha 
iad  a'  reic.  A  h-uile  bliadhna  bha  iad  a' 
sgaoileadh  an  sgiathan  na  b'fharsuinge  agus 
na  b'fharsuinge,  gus  mu  dheireadh  an  robh 
biithan  agus  factories  aca  ann  an  China 
agus  atm  an  Rangoon,  a  thuilleadh  air 
fearann  ann  an  Astralia  agus  tobraichean- 
tiilidh  ann  am  Persia. 

Ged  bha  roinn  aig  Alasdair  Greumach 
anns  a'  Chomunn-mharsantachd  ud  cha  robh 
aige  ach  roinn  bheag,  roinn  a  thug  an  triiiir 
eile  dha  mar  dhuais  air  son  na  seirbhis  a  rinn 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


e  dhaibh  mar  ard-chleireach  agiis  mar 
lonmhasair  o  na  chaidh  e  thuca  'n  a  bhalach 
6g.  Bha  riaghladh  ghnothuichean  arm  an 
lamhan  na  triuir  eile  a  chuir  an  airgiod 
fhein  anns  na  btithan  an  uair  a  thoisich  iad 
air  marsantachd,  agus  gu  sonruichte  ann  an 
lamhan  Isaac  A.  Margoliouth,  air  an  robh 
ceann  cho  maith  agus  aig  an  robh  siiilean 
cho  furachail  agus  sealladh  cho  fada  ann  an 
ciiisean-malairt  's  gu  robh  each  toilichte  gu 
leor  a  thoil  fhein  a  thoirt  dha  agus  Amen 
a  radh  ri  rud  air  bith  a  chomhairlicheadh  e 
dhaibh.  B'e  Coinneach  Odhar  an  t-ainm  a 
bha  aig  Alasdair  Greumach,  'n  a  dhachaidh 
fhein  agus  am  measg  a  chairdean,  air  Isaac  A. 
Margoliouth,  agus  bhiodh  e  ag  radh  eadar 
fealla-dha  is  da-rireadh,  gu  robh  "  fiosachd  " 
aige  ann  am  malairt  airgid. 

An  uair  a  chaidh  Alasdair  Greumach  do 
Ghlaschu  an  toiseach  sheachain  e  na  h- 
eaglaisean  mora  riomhach  agus  bhiodh  e  a' 
dol  do'n  eaglais  bhig  Ghaidhlig  anns  an  robh 
ministear  a  bha  a'  creidsinn  agus  a'  teagasg 
gur  e  facal  Dhe  a  tha  anns  a  h-uile  rann  agus 
lide  de'n  Bhiobull  agus  nach  e  idir  smuaintean 
agus  fiosrachadh  agus  faireachduinean  a 
tharruing  daoine  naomh  as  an  inntinn  agus 
as  an  cridhe  fhein.  Bha  aobhar  eile  'g  a 
tharruing  do'n  eaglais  bhig  ud,  gur  e  searbh- 
antan  as  a'  Ghaidhealtachd  a'  chuid  mhor 
de'n  choimhthional  fheasgair,  an  seorsa 
nigheanan  as  am  faod  duine  glic  bean 
mhaith  fhaotainn  daonnan,  oir  chan  'eil  na's 
grinne  no  na's  beusaiche  na  iad  air  thalamh. 
Is  ann  'n  am  measg  a  fhuair  Alasdair 
Greumach  a  bhean  fhein,  ban-Hearach  a 
bha  a  companas  'n  a  sholas  dha  uile  laithean 
a  bheatha. 

An  deidh  dha  posadh  bha  e  a'  fuireach 
fada  o'n  eaglais  Ghaidhlig  ach  lean  e  air  dol 
innte,  oir  bha  a  nis  ceangal  iir  aige  rithe, 
class  Biobuill  a  bha  e  a'  teagasg  anns  an 
robh  mu  dheich  ar  fhichead  de  ghillean  oga. 
B'e  bunaitean  a  theagaisg  gu  bheil  am 
Biobull  neo-mhearachdach,  agus  gur  e  a' 
cheud  cheum  anns  a'  bheatha  dhiadhaidh, 
facal  Dhe  a  thuigsinn,  agus  an  ath  cheum 
toil  Dhe  a  dheanamh. 

Aon  la  anns  a'  chlass,  an  deidh  dhaibh  a' 
choigeamh  salm  deug  a  leughadh,  anns  a 
bheil  comharraidhean  an  duine  mhaith  air 
an  cur  sios,  "  duine  ceart  agus  firinneach, 
nach  dean  cul-chaineadh  .  .  .  agus  nach  cuir 
airgiod  a  mach  air  ocar,  no  mar  their  sinn 
an  diugh,  air  riadh,''  dh'fhoighnich  fear  de 
na  gillean  dheth  (oileanach  a  bha  a'  leughadh 
sgriobhaidhean  Iain  Ruskin  aig  an  am)  an 
robh  e  cearr  do  dhuine  riadh  a  ghabhail  air 
son  airgid  a  thug  e  do'n  Ghovernment,  no 
do  bhanca,  no  do  gharradh-iarruinn,  no  do 


chomuinn  -  marsantachd.  Bha  Alasdair 
Greumach  balbh,  oir  chaidh  a'  cheist  mar 
shaighead  an  sas  'n  a  choguis  agus  'n  a 
inntinn,  agus  fhios  aige  gur  ann  o  riadh 
'airgid  a  bha  e  fhein  a'  faotainn  a'  chuid 
bu  mhotha  d'a  bheoshlaint.  Thuirt  e  riu 
nach  do  smuainich  e  riamh  air  a'  cheart 
cheist,  agus  nach  b'urrainn  dha  a  freagairt. 

Dh'fhag  e  an  gnothuch  mar  sin  aig   an 

am,   ach  thoisich   buaireas   ann  an  inntinn 

Alasdair  Ghreumaich  nach  do  shiolaidh  fad 

leth-bhliadhna.      A    la    agus    a    dh'oidliche 

bhiodh  e  a'  rannsachadh  a'  Bhiobuill  agus 

a'  rannsachadh  leabliraichean  dhaoine  diadh- 

aidh  a  mhinich  na  tha  am  Biobull  ag  radh 

mu  riadh,  ach  ged  bha  a'  chuid  mhor  de  na 

diadhairean  ag  radh   nach   'eil  e   cearr  do 

dhuine  riadh  a  ghabhail  air  son  'airgid,  cha 

do   chiviinich  sin  am   buaireas  a  bha   'n  a 

inntinn,  agus  cha  mho  a  chuir  e  crioch  air  an 

iom-chomhairle  agus  an  deasbud  a  bha  dol 

air    aghaidh    innte.      Cha    b'e    ciod   a    bha 

ceart  no  ce^rr  do  dhaoine  eile  a  bha  'g  a 

riasladh  ach  ciod  a  bu   choir  dha  fhein  a 

dheanamh. 

Oidhche  a  bha  e  a'  tionndadh  a  null  agus 

a  nail  anns  an  leabaidh  gun  chadal,  a'  deasbud 

ri   Dia   agus   ri   chridhe   agus   ri   Isaac   A. 

Margoliouth   agus  ris   an   Ollamh,    Easbuig 

Jewell,  las  an  seomar  le  solus  dealrach  agus 

chunnaic  e  'athair  'n  a  sheasamh  ri  taobh 

a  leapa  agus  a  chorrag  sinte  ris  na  facail  so  a 

bha  sgriobhte  air  a'  bhalla  m'a  choinneiamh 

ann  an  litrichean  mora, 

Is  e  gaol  an  airgid  freumh  gach  uilc  :   ni 

amfeadh  a  mhiannaich  dream  araidh,  chaidh 

iad    air    seachran    o'n    chreideamh,    agus 

throimh-lot  iad  iad  fhein  le  iomadh  cradh, 

ach    thusa,    0    oglaich    Dhe,    teich    o    na. 

nithean  sin  :    agus  lean  fireantachd,  diadh- 

aidheachd,    creideamh,    gradh,    faidhidinn, 

ceannsachd.     Cdmhraig  deagh  chdmhrag  a' 

chreidimh  ;   gabh  greim  den  bheatha  mhair- 

eannaich  chum  an  do  ghairmeadh  thu,  agus 

dh'aidich    thu    deagh   aidmheil    an    lathair 

mhor  an  fhianuisean. 

An  sin  chaidil  e  gu  seimh  socrach  ann  am 

beagan    mhionaidean,    agus    fhios  _  aige    gu 

robh   a'   cheist   air  a  fuasgladh   agus   air   a 

socruchadh  dhasan  gu  brath  tuilleadh,  agus 

bha    fhios    aige     cuideachd    nach    esan  a 

shocruich  i  ach  Neach  eile  a  tha  fhalbh  agus 

a  thighinn  mar  a'  ghaoth.    Am  maireach  an 

uair  a  dh'  innis  e  do'n  bhancair  agus  do 

Isaac  A.  Margoliouth  ciamar  a  bha  e  a'  dol 

a  chur  a  chiiisean  saoghalta  an  ordugh  sheall 

iad  air  gu  dur  mar  neach  a  bha  air  a  reuson  a 

chall. 

***** 


6 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


Tha  an  sgeul'  so  a'  togail  cheistean  air 
am  faod  an  luchd-leughaidh  am  buadhan 
spioradail  a  chleachdadh,  oir  is  ann  le  bhi  a' 
cleachdadh.  ar  buadhan  spioradail  agus  ar 
coguis  a  dh'fhasas  sinn  ann  an  eolas  air  Dia 
agus  air  a  thoil ;  ceistean  mu'n  Bhiobull,  mu 
tighdarras  a'  Bhiobuill,  agus  mu  mhineach- 
adh  a'  Bhiobuill ;  ceistean  mu  choguis  an 
duine,  a  tha  cho  neo-mhearachdaeh  ris  a' 
Bhiobull  fhein,  ged  a  cheadaicheas  do  choguis 
dhuit-sa  rud  a  dheanamh  a  tha  mo  choguis-sa 
a'  toirmeasg  dhomhsa. 

Anns  an  t-Seann  Tiomnadh  tha  e  air 
uairean  air  a  thoirmeasg  riadh  a  ghabhail 
idir,  air  uairean  tha  e  air  a  cheadachadh  a 
ghabhail  o  choigreach  ach  gun  a  ghabhail  o 
choimhearsnach  no  o  bhrathair.  Ach  c6  e 
mo  choimhearsnach  agus  c6  e  an  coigreach 
ann  an  suilean  Chriosd  ?  Ann  an  cosmhal- 
achd  nan  talannan  tha  Criosd  a'  bruidhinn 
mar  gu'ni  biodh  e  ceart  gu  leor  riadh  a 
thogail,  ach  air  a  shon  sin  chan  'eil  anns 
a'  chosmhalachd  ud  ach  cosmhalachd  fhein. 

Chan  'eil  am  facal  interest  air  uisneachadh 
anns  a'  Bhiobull  Bheurla  (1611)  ach  daonnan 


usury  ;  anns  a'  Bhiobull  Ghaidhlig  tha  an 
da  fhacal  ocar  agus  riadh  air  an  cleachdadh. 
Ciod  am  miighadh  a  tha  eadar  ocar  agus 
riadh,  ma  tha  mtighadh  idir  ?  A  bheil  am 
facal  ocar  air  uisneachadh  ann  an  cainnt 
chumanta  an  t-sluaigh  ?  Ma  tha,  's  e  a' 
Ghaidhlig  cheart  air  money-lender  ocaire, 
facal  a  tha  cho  granda  ris  a'  cheaird.  ■ 

Ma's  e  gaol  an  airgid  freumh  gach  uilc 
naeh  maith  gu  bheil  ar  Riaghlairean  a'  toirt 
bhuainn  uiread  dheth,  'g  ar  saoradh  o 
bhuaireadh !  An  e  gaol  an  airgid  a  tha 
deanamh  a'  chlabair  chriadha  thiugh  as 
nach  urrainn  na  rioghachdan  an  casan  a 
tharruing  ? 

Cia  dhiubh  a  tha  e  ceart  no  cearr  riadh  a 
ghabhail  air  son  an  airgid  a  choisinn  thu,  bu 
choir  do  bhuill  na  h-eaglais  an  aire  a  thoirt 
nach  cuir  iad  an  airgiod  ann  an  gnothuch 
no  obair  air  bith  a  tha  a'sgriosadh  an  co- 
chreutairean.  Ach  tha  a  leithid  a  dh'amladh 
ann  am  malairt  an  t-saoghail  an  diugh  's 
nach  'eil  e  furasda  do  dhuine  a  thrusgan  a 
chumail  glan. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Ollamh  Gilleasbuig  B.  Scott,  Cill  Donnan. 

CHAOCHAIL  e  ann  an  deireadh  December, 
duine  foghluimte  agus  an  sgoilear  a  b' 
fhearr  ann  an  Eaglais  na  h-Alba  's  an  Taobh- 
Tuath. 

Bha  e  ceithir  fichead  's  a  tri,  agus  shaoth- 
raich  e  tri  deug  is  da  fhichead  bliadhna  anns 
an  aon  sgir,  urramach  am  meas  an  t-sluaigh 
gus  an  la  mu  dheireadh.  Bha  e  air  oilean- 
achadh  an  Oilthigh  Ghlaschu,  agus  an  deidh 
dha  a  bhi  greis  'n  a  fhear-cuideachaidh  an 
Eaglais  Mhor  Ghlaschu,  bha  e  air  a  shuidh- 
eachadh  an  Cill-Donnan,  an  1894. 

Ged  bha  uidh  aige  ann  an  iomadh  cuspair- 
eolais  b'e  eachdraidh  na  h-Alba,  agus  gu 
sonruichte  eachdraidh  na  h-eaglais  an  Al- 
bainn,  an  t-achadh  air  an  do  rinn  e  an  obair 
a  b'fhearr.  Sgriobh  e  moran  mu  na  Naoimh 
a  thug  an  creideamh  Criosduidh  do'n 
duthaich  so  an  toiseach,  Ninian,  Calum-cille, 
Moluag,  Drostan,  agus  an  companaich,  agus 
b'aithne  dha  laraichean  cheallan  agus  sheann 
eaglaisean,  croisean  agus  clachan-cinn,  agus 
na  dealbhan  agus  na  litrichean  a  tha  sgriobhte 
orra,  o'n  chrich  Shasunnaich  gu  Tigh  Iain 
Ghreota,  cho  maith  's  is  aithne  dhuinne  an 
eaglais  agus  an  cladh  againn  fhein. 

Cha  ruig  mi  a  leas  na  leabhraichean  agus 
na  paipearan  a  sgriobh  e  ainmeachadh  fa 
leth,  ach  b'e  an  rud  sonruichte  a  bha  e  air  son 
a  dhearbhadh  annta  uile  gu'n  d'fhuair 
Cruithnich  (Picts)  an  Taobh  Tuath  an  Sois- 


geul  o  Ninian  fada  m'an  cualas  iomradh  air 
Calum-cille  no  air  manaich  I.  Theagamh 
gu  bheil  a'  ghloir  sin  searbh  an  cluasan 
dhaoine  afig  a  bheil  meas  air  Calum-cille 
nach  'eil  aca  air  gin  eile  ds  na  Naoimh, 
ach  m.a  thug  Ninian  an  Soisgeul  do  na  Picts 
Thuathach,  faodaidh  e  bhith  gu'n  deachadih 
an  lochran  as,  agus  gu'n  robh  e  air  a  lasadh  a 
ris  le  Calum.-cilie.  Tha  e  iongantach  nach 
'eil  larach  eaglais  mu'n  cuairt  baile  Inbhir- 
Nis  air  ainmeachadh  air  Calum-cille.  Bha 
aite-aoraidh  an  Urchardan,  ri  taobh  Loch  Nis, 
air  a  choisrigeadh  do  Ninian,  ceall  agus 
team.pull  agus  tobar  agus  croit. 

Is  e  so  cuspair  air  nach  'eil  eolas  agam-sa 
as  fhiach  eolas  a  radii  ris,  ach  faodaidh  mi 
facal  a  thuirt  mo  sheana  mhaighstir,  an  t- 
Ollamh  Alasdair  Mac  Bheathain,  a  chur  sios 
air  an  duilleig  so,  "  gu'n  d'fhuair  Calum-cille 
cliii  air  son  na  h -obair  a  rinn  Naoimh  eile  a 
thainig  roimhe  agus  'n  a  dheidh."  Tha  sin 
daonnan  a'  tachairt,  ach  tha  grunnan  beag 
de  luchd- eachdraidh,  agus  am  fear  nach 
maireann  air  an  ceann,  a'  feuchainn  a  nis  ri 
obair  fhiachail  Ninian  a  chumail  air  chuimhne 
gun  i  bhi  air  a  cur  ri  cliu  agus  creideas 
Chaluim-cille. 

An  t-Urramach  Uisdean  Friseal  Mac  Neill, 

M.A. 
CHAOCHAIL     ministear     Chinn-chardainn, 
an  Cleir  Bhaile  Dhubhthaich,  an  deireadh 


AIG  AN  UINNEIG 


lanuari,  anns  an  t-seana  Mhanse  anns  an 
robh  e  a'  fuireach  an  deidh  dha  ua]la6h  a' 
choimhthionail  a  leigeil  dheth.  Bha  e 
ceithir  ficliead  's  a  sia  a  dh'aois. 

Mac  maighstir-sgoile  a  bha  ann  an  Tung, 
an  Ca,taibh,  bha  e  air  oileanachadh  an  Oil- 
thighean  Chill-rimhinn  agus  Obar-Dheadh- 
ain  ;  an  deidh  dha  a  bhi  greis  'n  a  fhear- 
cuideachaidh  an  Stroma,  agus  an  Canasbagh 
an  Gallaibh,  agus  am  Blar  Atholl,  bha  e  air 
a  shuidheachadh  ann  am  Fas  an  Cleir  Uaimh, 
am  Peairt,  an  1899.  Dh'fhag  e  Fas  an  1919, 
is  chaidh  e  do  Chinn-chardain.  Cha  robh 
e  posda  ;  bha  a  phiuthar  a'  fuireach  comhla 
ris,  agus  'n  an  dithis  bha  iad  cho  coir  agus 
cho  aoigheil  's  a  gheibheadh  tu  ann  am  Manse 
an  Albainn.  Bha  brathair  dhaibh  'n  a 
mhinistear  an  Gleann  Moireasdan  an  Cleir 
Inbhir  Nis. 

Shaothraich  e  uile  laithean  a  bheatha 
ann  an  eaglaisean  beaga,  far  nach  robh 
m.6ran  dhaoine  aige,  ach  bha  meas  m.or  air 
aig  a'  bheagan  sin  agus  b'fjiiach  dhaibh, 
oir  bha  e  'n  a  choimhearsnach  anabarrach 
maith  agus  sonruichte  coibhneil.  Bha  coslas 
a  dhreuchd  air  daonnan,  agus  cha  bhiodh  fear 
no  bean  no  paisde  anns  an  sgir  tinn  gun 
fhios  a  bhi  aige  air,  no  gun  e  a  dhol  'g  am 
faicinn.  Fear -diith  cha  maith  agus  duine 
laghach  freasdalach,  m.ar  is  maith  a  tha 
fhios  agam,  o'n  ionndrainn  a  bha  air,-  an 
uair  a  dh'fhag  e  Fas  ;  agus  gad  nach  aithne 
dhomhsa  muinntir  Chinn-chardainn  tha 
mi  cinnteach  gu'm  bi  a'  cheart  ionndrainn 
air  an  sin  euideachd. 


"  Athair  na  h-Eaglais  " 

BHA  mi  6g  is  tlia  mi  nis  sean,  ach  o  m'oige 
gu  m.'aois,  cha  b'aithne  dbomh  ministear 
eile  air  an  robh  uiread  meas  agam  'n  am 
chridhe  's  a  bha  agam  air  an  Ollamh 
Gilleasbviig  Domhnullach,  seana  mhinistear 
Chill-Talorgan,  an  Cleir  Inbhir-nis.  Bha  e 
'n  a  sgoilear  cho  m.aith  agus  'n  a  sgriobhadair 
cho  maith,  am  Beurla  agus  an  Gaidhlig,  's 
gu'n  coisneadh  sin  fhein  dha  mor-mh^as  o 
dhaoine  aig  a  bheil  gaol  air  foghlum  agus  air 
ealadham,  acb  cha  b'e  'a  sgoilearachd  no  a 
sgriobhadh  a  mhain  a  choisinn  do  Gbill- 
easbuig  Domhnullach  an  t-urram.  a  thug  sinn 
uile  dha,  ach  an  uaisle  agus  am  flath  agus 
a  chiiiine  a  bha  ann  gu  nadurra.  Ged 
bhiodh  iad  air  an  cur  air  am  mionnan  tha 
mi  Ian  chinnteach  aach  b'urrainn  duine  air 
thalamh  a  radh  gu'n  cual  e  e  ag  radh  aon 
fbacal  su9rach  no  taireil  no  neo-choibhneil 
mu  neach  eile.  Fior  dhuin-uasal,  mar  bu 
dtith  dha  a  bhith,  a  thaobh  a  dhuthchais 
agus  a  thogail. 


Mac  do  Mhaighstir  Ruairidh  a  bha  'n  a 
mhinistear  ann  an  Uidhist-a-Deas,  bha  e 
air  oileanachadh  an  Oilthigh  Ghlaschu,  agus 
air  a  shuidheachadh  ann  an  sgir  Hinipoil,  an 
Tiriodh,  'n  a  cheithir  bliadhna  fichead  ;  a 
Tiriodh  chaidh  e  do  Steornabhagr,  ;  a 
Steornabhagn  do  Lagaidh,  air  Machair  Rois  ; 
a  Lagaidh  dc'n  Eaglais  Ghaidhlig  an  Grian- 
aig  ;  agus  a  Grianaig  do  Chill-Talorgan,  an 
1892,  far  an  do  rinn  e  a  dhachaidh  gus  an  do 
leig  e  dheth  obair  na  sgire  an  1929.  Anns  a 
h-uile  sgir  anns  an  robh  e  riamh  choimhlion 
e  a  dhreuchd  gu  gradhach  agus  gu  sitheil,  a' 
cosnadh  dha  fhein  gean-m.aith  agus  fabhar 
o  mhithean  agus  o  mhaithean. 

Phos  e  nighean  do  Uilleam  Tolmach  a 
bha  'n  a  mhinistear  an  Cunndainn,  te  a 
b'fhearr  a  chluicheadh  ceol  Gaidhealach  air 
piano  de  na  chuala  mi  riamh.  Shiubhail  i  an 
1931.  Bha  triiiir  nighean  aca,  agus  is  e  an 
te  bu  shine  a  bha  'n  a  bean-tighe  leis  o 
shiubhail  a  mathair.  Thainig  e  o  dhaoine  a 
bha  fallain  is  fad-shaoghalach  ;  bha  e 
fhein  ceithir  deug  is  ceithir  fichead  an  uair 
a  thainig  a'  chrioch  air.  Tha  d^ich  is  tri 
fichead  bliadhna  o  bha  e  air  a  choisrigeadh 
do  dhreuchd  na  m.inistrealachd,  agus  mar 
sin,  b'e  "  Athair  na  h-Eaglais."  Thug 
Oilthigh  Ghlaschu  D.D.  dha  an  1924. 

Bha  chionn  bhliadhnachan  bha  a  dhach- 
aidh an  Dim-eideann  ;  tri  no  ceithir  de 
sheachduinean  m'an  do  shiubhail  e  chaidh 
mi  do  Dhiin-eideann  a  dh'aon  ghnothuch  'g 
a  fhaicinn.  Bha  e  'n  a  shuidhe  aig  an  teine, 
a'  leughadh  bardachd  Raibsart  Browning, 
cnothan  air  nach  bu  mhaith  leam.-sa 
m'fhiaclan  fheuchainn  an  diugh.  Bha  a 
bhuadhan  uile  air  dheagh  ghleus,  a  mheamh- 
air  agus  a  chuimhne,  a  fhradharc  agus  a 
chlaisteachd,  agus  a  mach  o  choslas  na 
h-aoise  agus  crionadh  is  seacadh  a  chuirp, 
cha  robh  atharrachadh  air  seach  mar  bha  e  a' 
cheud  uair  a  chunnaic  mi  riamh  e  ;  a  cheart 
uaisle  agus  ciiiine,  agus  urramachd,  gun 
mhiighaclh.  Ged  chuir  e  uiread  oibre  as  a 
dheidh  chan  fhaca  mi  riamh  ann  an  cabhaig 
e,  no  ann  an  ireapais,  no  cas,  no  fiiisanach, 
agus  an  uair  a  thoisicheaclh  braithrean 
iipraideach  anns  a'  Chleir  no  aig  Committee 
air  eagal  a  chur  oirnn  gu  'n  rachadh  an  Eaglais 
agus  an  Creideamh  a  dhith  mur  biodh  sud 
no  so  air  a  dheanamh  air  ball,  chuireadh  e 
an  ruaig  air  t-eagal  na'n  sealladh  tu  air  Cill- 
Talorgan,  mar  theireamaid  ris,  'n  a  shuidhe 
cho  ciiiin  agus  cho  neo-ghluasadach  ris  na 
planaidean,  gun  mhaoim  gun  chlisgeadh, 
mar  nach  robh  e  'g  an  cluinntinn.  Chan 
'eil  ach  aon  leigheas  air  ireapais  is  inntinn 
hpraideach,  a  bhi  a'  cuimhneachadh  gu  bheil 
mile  bliadhna  ann  an  sealladh  an  Tighearna 
mar  fhaire  anns  an  oidhche. 


AIG  AN  UINNEIG 


Is  ann  mar  fhear-eachdraidh  a  mhaireas 
ainm  is  cliu  an  Ollaimh  Dhomhnullaich. 
Bha  eolas  aige  fhein  agus  aig  a  choimh- 
earsnach,  Aonghus  Domhnullach,  an  Cill 
lurnan,  air  eachdraidh  nan  teaghlaichean  a 
bha  anns  na  h-Eileanan  an  lar,  agus  gii 
sonruichte  teaghlaichean  Chloinn  Domhnuill, 
nach  robh  aig  duine  eile  'n  an  linn,  agus  is  e 
na  tri  leabhraichean  mora  tiugh  a  chuir  iad 
a  mach  ann  an  co-bheinn  mu  Chlann 
Domhnuill  a  chumas  an  ainm  air  chuimhne. 
Cha  do  thuit  an  leabhar  so  riamh  ann  am 
pris,  comharradh  cinteach  gu  bheil  iarraidh 
air.  Paighidh  tu  tri  no  ceithir  gineachan  air 
seann  fhear  dhiubh.  Cha  mhor  gu'n  creid 
dacine  an  t-saothair  agus  an  rannsacbadh  a 
chosd  an  leabhar  so  dhaibb. 

Ged  dh'fheumas  an  t-iomradh  so  a  bhi 
goirid,  cha  bhiodh  e  ceart  dhomh  gun  a 
radh  nach  'eil  duine  eile  an  diugh  beo 
a  sgriobhadh  rosg  Gaidhlig  na  b'fhearr  na  'n 
t-Ollamh  D6m.hnullach,  no  a  thionndadh 
bardachd  Bheurla  gu  Gaidhlig  cho  snasmhor 
ris.  Ged  nach  robh  e  na  b'fhearr  na'n 
cum.antas  aniT  am.  meanbh-sgoileara'chd 
Ghaidhlig  (sloinntearachd  fhacal  agus  biorain 
agus  sliseagan  de'n  t-seorsa  sin)  b'aithne  dha 
Gaidhlig  mar  nach  b'aithne  do  chuid  do  na 
sgoilearan-mora  a  bhios  a'  toirt  deachamli  a 
mionnt  agus  anise  agus  cuimin  a'  ghramair, 
agus  bha  e  cho  furasda  dha  Gaidhlig  a 
sgriobhadh  le  eireachdas  's  a  bha  e  dha  anail 
a  tbarruing. 

An  t-Urr  Alasdair  M.  MacLeoid,  M.A. 

Cha  robh  diiil  aig  a  luchd-eolais  idir  ris  an 
naidheachd  dhuilich  a  fhuair  iad  mu  Alasdair 
MacLeoid.  Ged  sharuich  e  e  fhein  le  saothair 
dhian  an  Dim-eideann,  bha  e  gu  math  'n  a 
shlainte  o'n  ghabh  e  coimhthional  bu  lugha 
air  an  dtithaich  ;  bha  e  fhathast  beothail, 
calm_a,  agus  cha  robh  e  ach  tri  fichead 
bliadhna  dh'aois. 

Rugadh  e  an  Garrabost,  ann  an  sgir  an 
Rudha  an  eilean  Leodhais,  far  an  robh 
athair  'n  a  mhinistear.  Fhuair  e  oileanach- 
adh  an  Sgoil  Mhor  Steornabhaigh,  an  Oil- 
thigh  Obar-eadhain,  agus  an  Collaisd  na 
h-Eaglais  Shaoir  Aonaichte  's  a'  bhaile  sin. 
Bha  e  air  a  shuidheachadh  ann  an  Sgir  Cnoc 
Mhoire,  an  Cleir  Inbhir-nis,  an  1914.  Re 
am  a'  cheud  chogaidh  bha  e  air  son  corr  is 
bliadhna  'n  a  Chaplain  anns  an  arm.  Chaidh 
e  gu  Rudha  'nach  Breacaidh  (Invergordon) 
an  1920.  A  sin  thainig  e  gu  Dim-eideann,  gu 
Eaglais  Braid,  an  1927,  agus  an  1941  chaidh 
e  gu  Ruadhainn  (Ruthven)  ann  an  Siorram- 
achd  Pheairt.  Ged  shaothraich  e  cho  fada 
's  an  taobh  deas,  cha  robh  aobhar,  a  mach  o 
a  choimhthional  fhein,  a  bha  cho  faisg  air  a 
chridhe  ri  obair  na  h -eaglais  's  a'  Ghaidh- 


ealtachd.  Aig  am  a  bhais  agus  air  son  corr 
is  da  bhliadhna  roimhe  sin  b'e  Ceann-Suidhe 
Comunn  Gaidhealach  na  h-Eaglais. 

Duine  suilbhir,  easgaidb,  coir  ;  searmoa- 
aiche  math,  a  ghlacadh  agus  a  ghleidheadh 
aire  a  shluaigh,  agus  sin  gu  nithean  a  b'fhi-ach 
aire  thoirt  dliaibh.  Mar  aodhair,  bha  e  'n 
a  dhuine  air  leth.  Bha  e  air  a  chois  gun 
tamh  agus  bha  doigh  aige  a  bheireadh  misne- 
ach  do'n  anfhann  agus  comhfhurtachd  do 
spiorad  ciiirrte.  Air  cho  dorcha  's  gu'm 
biodh  an  latha,  chuireadh  e  sunnd  is  spionn- 
adh  annad  a  choinneachadh  air  an  rathad 
mhor. 

Ann  an  iomadh  seagh  bha  e  coltach  ri' 
athair,  an  t-Urr.  Seoras  MacLeoid,  ministear 
an  Rudha,  a  bha  aithnichte  am  measg  a 
bhraithrean  air  son  an  iiidh  a  bha  aige  ann 
an  cor  a  shluaigh,  ann  an  oileanachadh  na 
cloinne,  agus  gu  h-araidh  ann  a  bhi  a' 
cuideachadh  ghillean  oga  a  bha  freagarrach 
air  son  obair  na  ministrealachd.  Ri  a  linn 
thainig  as  an  Rudha  timchioll  air  fichead 
ministear,  agus  dhiubh  sin  rainig  dithis  inbbe 
ard  a'  Phrofessor.  Tha  sinn  a'  caoidh  an 
diugh  deagh  mhac  an  deagh  athar. 

{Ddmhnull  MacGilleathain) 

An  te  nach  maireann 

Tha  mi  a'  sgriobhadh  so  mar  chuimh- 
neachan  air  mathair  an  Urramaich,  Domhnull 
Mac  Fhionghain,  ministear  Bhatarnis,  's  an 
Eilean  Sgitheanach. 

Bha  a  companach  'n  a  eildear  ann  an 
Coimhthional  na  h-eaglais  Shaor  Aonaichte 
an  Sgir  an  t-Sratha.  Is  iomadh  teachdaire  a 
fhuair  aoidheachd  'n  a  tigh,  is  cha  shaoileadh 
neacli  gur  ann  air  aoidheachd  a  bhiodh  e. 
Bha  e  tlachdmbor  a  bhi  'n  a  comhluadar. 

Bha  i  anabarrach  cridheil  cairdeil ;  bheir- 
eadh an  rud  bu  lugha  gaire  oirre.  "  Cha 
b'ann  de  luchd  an  fhuar  chrabhaidh  a  bha  i." 
Chuir  a  gradh  d'a  Fear-saoraidh  a  dhreach 
fhein  oirre.  Rainig  i  aois  mhor,  ceithir 
fichead  's  a  tri  deug.  Bha  a  gluasad  agus  a 
saothair  ann  am  beat  ha  nan  gras,  gach  la 
'g  a  togail  suas  na  b'fhaisge  air  an  dachaidh 
shuas.  Bha  i  'n  a  sguaib  Ian  abuich  air  son 
an  Tigh-thasgaidh,  agus  'nuair  a  thainig  a' 
ghairm  cha  robh  fada  aice  ri  dhol. 

Bha  i  'n  a  neart  's  'n  a  misnich  d'a  mac 
agus  d'a  cheile  fad  nam  bliadhnachan  a  bha 
i  comhla  riu  an  Uidhist-a-Deas  agus  ann  an 
Bhatarnis. 

Tha  ar  co-fhaireachadh  ri  a  mac  agus  ri 
bhean  chaoimh  a  bha  cho  laghach  baigheil 
rithe  anns  na  bliadhnachan  a  bha  i  'n  an 
tigheadas.  Co  riamh  a  chaill  air  caoibhneas 
a  nochdadh  do  aon  de  oighreachan  nam 
flaitbeas. 

{Ddmhnull  Mac  Leoid) 


Aireamh  4 


1948 


Dh'  6irich  e 

Chan  'eil  e  an  so,  oir  dh'  eirich  e,  mar  a  thuhhairt  e. — Mata  xxviii,  6. 

losa  Criosd  ar  Tighearna,  a  dhearbhadh  a  bhi  'n  a  rnhac  do  Dhia  le  cumhachd, 
a  reir  iSpiorad  na  naomhachd,  tre  an  aiseirigh  a  na' mairbh. — Roman  i,  4. 


CHAIDH  Criosd  as  an  t-sealladli  air  thalamh, 
gun  uiread  agus  fios  a  bhi  againn  le  cinnt 
c'aite  an  robh  an  uaigh  aige.  Chan  'eil  bad 
d'a  aodach  no  d'a  fhalluinn,  no  duilleag  de'n 
Bhiobull  a  bhiodh  e  a'  leughadh,  no  ni  air 
bith  a  bhuineadh  dha  air  an  gleidheadh  gu 
curamach  ann  am  Museum,  ach  a  mhain 
criomagan  beaga  de  fhiodh  a'  chroinn- 
cheusaidh,  a  bhios  daoine  dalma  a'  reic 
ri  daoine  socharach  air  ghaol  buannachd  a 
dheanamh  as  an  diadhaidheachd,  ged  tha 
fios  aca  gu  maith,nach  e  fiodh  a'  chroinn- 
cheusaidh  a  tha  .ann. 

Ged  theirear  am  "  Baile  Naomh  "  ri 
Jerusalem,  chan  'eil  baile  eile  air  thalamh 
an  diugh  anns  am  faicear  na's  lugha  de 
chomharraidhean  gu'n  d'  eirich  Criosd  le 
cumhachd  agus  buaidh,  oir  tha  ludhaich 
agus  Arabaich  a'  mortadh  agus  a'  marbhadh  a 
cheile,  mar  nach  robh  annta  ach  beathaichean 
fiadhaich.  Ciod  an  t-ionghnadh  na'n  abradh 
an  coigreach  a  bha  seachduin  ann  an  Jeru- 
salem, Chan  'eil  e  an  so. 

Tha  dearbhachd  na  h-aiseirigh  ri  fhaotainn 
anns  an  Eaglais,  an  Eaglais  a  tha  a'  gabhail 
a  steach  an  t-saoghail  uile  ;  ann  an  aoradh 
na  h-eaglais,  agus  anns  a'  cho-chomunn  a 
tha  aig  daoine  ri  cheile  innte  ;  ann  an  Criosd 
fhein  a  tha  maille  riu  agus  na  h-oibrichean 
a  tha  e  f hathast  a'  deananih  anns '  an  t- 
saoghal.  Riamh  o'n  la  a  dh'eirich  e  tha 
sluagh  mor  nach  gabh  aireamh,  d'an  d'thug 
e  creideamh  agus  dochas,  a'  seinn  laoidhean- 
molaidh  dha  gun  sgur,  'ga  aideachadh  agus 
'ga  chrunadh  mar  an  Righ  agus  an  Tigh- 
earna, "  Dha-san  a  ghradhaich  sinn,  agus 
a  d¥ion7ilaid  sinn  o'  ar  peacaidhean  'n  a 
fhuil  fein,  agus  a  rinn  righrean  dhinn  agus 
sagartan  do  Dhia,  dha-san  gu  robh  gloir  agus 
cumhachd  gu  saoghal  nan  saoghalJ' 

Is  e  aon  de  fhior  chomharraidhean  ar 
creidimh  nach  ann  a'  sealltuinn  air  ais 
a  tha  e,  air  an  ^ite  anns  am  facas  losa  ann 
an  laithean  fheola,  ach  a'  sealltuinn  roimhe 
air  an  t-saoghal  uile,  agus  air  a'  bhuaidh  a 
choisneas  e  an  uair  a  bhios  uile  rioghachdan 
an  t-saoghail  ag  aideachadh  a  thighearnais. 


Ged  rachadli  tu  air  t'ais  do  Ghalile,  chan 
fhaiceadh  tu  e,  oir  chan  'eil  e  an  sin,  ach  tha 
e  ri  fhaicinn  le  siiil  a'  chreidimh  cho  cinnteach 
's  a  chunnaic  Peadar  agus  Tomas  e.  Is 
beannaichte  iadsan  nach  fhaca,  ach  a  chreid  ; 
a  chunnaic  gloir  Dhe  ann  an  aodann  losa 
Criosd.  Sin  an  sealladh  aig  nach  'eil 
buintealas  ri  Tim.  no  ri  aite  no  ri  eachdraidh, 
no  ris  na  chuala  sinn  o  dhaoine  eile  mu 
Chriosd,  ach  anns  an  dearbh  mhionaid  anns 
am  faigh  an  t-anam  an  sealladh  sin,  tha 
fios  agad  gun  d'  eirich  e,  agus  gu  bheil  e  bed  gu 
siorruidh. 

Sin  mar  tha  creideamh  air  a  dhiisgadh 
anns  an  anam,  agus  far  a  bheil  creideamh 
tha  gradh  agus  moladh  agus  ionghnadh  air 
an  dusgadh  mar  an  ceudna,  faireachduinean 
agus  buadhan  spioradail  a  bheir  ort  aoradh 
a  thabhairt  do  Dhia'  ann  am  firinn. 

Is  thugaibh  dha  mor  bhuidheachas, 
'ainm  beannaichibh  gu  binn 

Oir  Dia  tha  maith,  tha  throcair  buan, 
is  fhirinn  feadh  gach  linn. 

Ach  tha  Facal  an  Tighearna  ag  innseadh 
dhuinn  gu  bheil  an  creideamh  marbh  mur 
bheil  toradh  aige.  Ciod,  ma  ta,  an  toradh 
a  tha  Criosd  ag  iarraidh  bhuainne,  creidmhich 
an  la  'n  diugh.  Tha,  lamh  a  ghabhail  anns 
an  obair  a  tha  e  fhein  a'  deanamh,  a'  cur 
rioghachd  Dhe  air  chois  anns  an  t- 
saoghal.  Chan  ann  a  mhain  -anns  na  h- 
Innsibh  agus  an  Africa  a  tha  sin  ri  dheanamh 
ach  aig  an  tigh,  oir  is  e  ar  ceud  dhleasdanas 
an  aire  a  thoirt  air  ar  garradh-cail  fhein 
agus  a  chumail  glan.  An  uair  a  bha  an 
soisgeul  air  a  shearmonachadh  an  toiseach, 
thoisich  na  h-abstoil  aig  lerusalem,  ach  an 
sin  chaidh  iad  a  mach  gu  Sam.aria,  agus  mu 
dheireadh  gu  criochan  na  talmhainn. 

Dh'earb  Criosd  a  shoisgeul  agus  a  riogh- 
achd ris  an  eaglais,  agus  chan  'eil  dearbhadh 
as  fhe^rr  air  a  creideamh  agus  a  dilseachd 
agus  a  dochas  na'n  dealas  agus  an  dichioll 
leis  a  bheil  i  a'  cur  a  mach  m.hissionaries  do 
dhuthchannan  cein.  Mur  dean  an  eaglais 
obair  shoisgeulach  a  muigh  's  a  stigh  bidh 


DH'   EIRICH   E 


a  bhuil  oirre  fhein ;  thig  fuachd  agus 
marbhantachd  innte  mar  tkainig  air  cuid  a 
dh'eaglaisean  na  h-Asia. 

An  uair  a  chunnaic  na  h-abstoil  na  b'fheu- 
dar  do  neach  gradhach  agus  naomh  mar  bha 
Criosd  fhulang,  agus  a  chunnaic  iad  e  mu 
dheireadh  air  a  cheusadh,  chaill  iad  an 
dochas,  agus  shaoil  iad  gu'n  d'fhuair  olcas  an 
t-saoghail  buaidh  air  an  fhirinn  agus  air  a' 
cheartas,  ach  an  uair  a  dh'  eirich  e  o  na 
mairbh,  thoisich  iad  air  a  thuigsinn  nach 
gabh  an  fhirinn  muchadh  no  marbhadh  a 
chionn  gur  ann  o  Dhia  a  tha  i,  agus  mar 
sin  gu  bheil  i  cho  neo-bh^smhor  ris  fhein. 
Tha  feum  againn  anns  na  laithean  so  air 
greimeachadh  air  an  dochas  so  mar  acair 
ar  n-anama,  nach  ann  aig  an  olc  agus  an 
eucoir  a  bhios  a'  bhuaidh  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  ach  aig  firinn  agus  fireantachd 
agus  gradh.  Mur  bheil  an  dochas  sin 
againn  chan  'eil  annainn  ach  daoine  truagh, 
daoine  nach  urrainn  cothachadh  gu  laidir 
agus  gu  misneachail  an  aghaidh  uilc. 

Cha  tig  dichuimhne  gu  brath  air  ainm 
Chriosd,  no  air  a  bheatha  is  obair,  no  air 
a  ghradh  ;  tha  sgeul  aoibhneach  'n  a  h- 
aiseirigh  'n  a  h-urras  air  a  sin.     Gu  deireadh 


an  t-saoghail  cha  stad  an  eaglais  de  bhi  a' 
seinn  laoidhean-molaidh  gu'n  d'thug  Fear- 
a-Graidh  buaidh  air  a  bhas  agus  air  an 
uaigh  ;  gu'n  d'eirich  e  ann  an  cumhachd  a 
Dhiadhachd,  agus  gu  bheil  e  a  nis  air  ardach- 
adh  mar  Righ  agus  mar  Shlanuighear,  Righ 
nach  cuirear  bharr  a  cliruin  gu  brath  agus 
Slanuighear  a  tha  uile-fhoghainteach  gu 
tearnadh. 

Chan  e  an  uaigh  ach  an  aiseirigh  dochas 
an  t-saoghail,  agus  crioch  ar  turuis.  Thug 
esan  an  gath  as  a'  bhas  agus  thug  e  dhuinn 
dochas  cinnteach  na  beatha  naaireannaich 
an  uair  a  dh' eirich  e  o  na  mairbh.  Ged  is 
buan  gach  olc,  chan  'eU  an  t-olc  neo- 
bhasmhor,  ach  Dia  agus  a'  bheatha  uasal 
agus  naomh  a  tha  e  a'  seideadh  le  anail  a 
Spioraid  annta-san  aig  a  bheil  gradh  dha. 

Dh'eirich  solus  is  agh  oirnn, 
Dh' eirich  losa  ar  Slanuighear  o'n  uaigh  ; 
Dh'eirich  grian  agus  gloir  oirnn, 
Dh'eirich  Criosd  ann  a  mhorachd  le  buaidh  ; 
Dh'eirich  lathana  slaint  oirnn, 
Dh'eirich  Prionnsa  na  sith  o  gach  truaigh  ; 
Dh'eirich  Ceannard  ar  slainte, 
Dh'eirich  teachdaire  grasmhor  d'a  shluagh. 


Cobhair 


Leis  ayt,  Urramach  Calum  MacGilleathain,  M.A.,   Conan. 
"  'na  do  shuilean  dhaibhsan  a  bha  daU." 


CE  de  cho  doirbh  agus  a  tha  e  do  neach 
buaidh  agus  aite  a  latha  fhein,  an  each- 
draidh  nan  linntean,  a  thuigsinn,  An  gabh 
e  deanamh  ?  Co  is  urrainn  innse  de  a  thig, 
fhathast,  as  na  bliadhnaichean  duilich  so  ? 
Chan  fhag  iad  an  saoghal  idir,  gu  buileach, 
mar  a  fhuair  iad  e.  Agus  an  uair  a  sheallas 
duine  mu  na  casan  aige  chidh  e  rudan  araid 
a  thogas  na  leagas  inntinn  ;  agus  ma  thogas 
6  a  shtiilean  gu  seaUtainn  fada  as  chidh  e 
nithean  a  nidh  a  chaochladh  dha. 

Is  trie  a  tha  u,allach  air  daoine  mu  chor 
na  Criosdalachd  anns  na  h-Eileanan  Breatan- 
nach.  Chan  ann  gun  adhbhar.  Chan  'eil 
nithean  mar  a  bha  iad.  Ach  an  robh  iad 
riamh  ann  ?  Nach  e  caochladh  is  dol 
bhoidhe  is  tighinn  chuice,  ordugh  nan 
ciiisean  daonda.  Chan  ann  anns  a'  chuan 
mh6r  a  mhain  a  tha  lionadh  is  traghadh. 
Chan  ann  an  aon  ni  tha  oidhche  is  latha, 
agus  geamhradh  is  samhradh.  An  uair  a 
thig  fras  is  dortadh  uisge  anns  an  Eilean 
Sgitheanach,  agus  duine  as  an  eilean  air  a 
dhol  air  ceann  a'  ghnothuich  a  dh'Inbhear 
Nis,  canaidh  bodach  am  Bracadal,  "  Tha  i 
gle  fhiuch  aig  Domhna|ll  bochd  an  Inbhear 
Nis."     Mar  is  trice  is  e  a  bhios  aig  Domhnall 


an  Inbhear  Nis  brod  an  latha,  le  grian  is 
turadh.  Ma  tha  i  fliuch  air  taobh  an  ear  na 
Hearadh  faodaidh  i  bhith  tioram  gu  leoir 
an  Tuisinis  air  an  taobh  an  lar. 

Chanadh  cuid,  gun  soradh,  ag  amharc 
air  cuid  de  na  gnothuichean  an  Albainn  gu 
bheil  sinn  bed  an  "  latha  na  nithean  beaga." 
"  Co  a  rinn  di-rueas  air  latha  nan  nithean 
beaga  ?  "  Nach  ann  a  tha  mi  an  deigh  mo 
shiiil  a  thogail  6  dhuilleag  bhig  le  naidheachd 
mhor.  Nach  e  mo  chridhe  a  thug  an  leum 
as  !  Tha  2000  {da  mhile)  misionaraidh  air 
a  dhol  gu  ruige  Asia  d  Staitean  Aonta 
Amairioga  is  a  Canada  o  chionn  sia  miosan. 
De  a  chanadh  tu  fhein  ri  a  leithid  de  latha 
fhaicinn  air  an  t-saoghal  so,  fo  do  chasan, 
ri  da  mhile  duine  dol  a  Ceann  Tuath  Am- 
airioga— an  talamh  iir — a  chraobh-sgaoileadh 
an  t-soisgeul  anns  an  t-seann  shaoghal  a  tha 
aca,  o  chinn  corr  is  tri  mile  bliadhna,  an 
Aisia  1  Am  b'ioghnadh  ged  a  chanamaid 
ri  ni  eile  an  rud  a  thuirt  Churchill,  an  uair 
a  bha  coltas  oirnn  a  bhith  fodha  dheth  ri 
linn  a'  chogaidh  mu  dheireadh  so  againn, 


"  Ach  feuch! 
neart !  " 


san  lar  tha  ghrian  'na 


COBHAIR 


Agus  sin  mar  a  bha.  Bha  neart  is  cobhair 
pailt  a'  dol  an  uidheam  air  taobli  thall  a' 
Chuain  Siar !  Agus  tha  a  leithid  eile  ta  chair t, 
a  nis,  an  ciiis  na  dha  eile. 

Saoghal  beag 

Nach  mor  an  t-adhbhar  molaidh  e,  agus 
nach  mor  an  togail  cridhe  e,  gun  tachradh 
a  Ceann-tuath  Amairioga,  aig  luchd  leanmh- 
ainn  Chriosd,  air  sgath  an  t-soisgeul  ?  Bha 
bodach,  uair  anns  na  Hearadh  a  thuirt  ri 
mhac,  "  a  bheil  thu  fhein  an  duil  a  bheil 
Criosdaidh  idir  air  taobh  thall  a  Chuain 
Sgitheanaich  ?  Nach  i  Chriosdachd  a  bha 
a'  fas  beag  aige !  Tha  daoine  m.ar  sin 
againne  anns  na  Hearadh  fhathast,  agus 
clian  ann  anns  na  Hearadh  a  mhain  a  tha 
an  seorsa.  Cuin  a  thigeadh  solus  gu  Aisia 
nam  b'ann  ris  an  t-seorsa  a  bhiodh  a  theachd 
an  crochadh  ?  Seall  air  cor  ar  diithcha  fhein. 
Is  aithne  dhomh  aoil  aite  anns  a  bheil  mu 
thuairim  200  pearsa  o'n  bheag  chon  a'  mhor 
agus  air  son  na  h-aireamh  sin  tha  aca  da 
mhinistear  agus  misionaraidh.  Is  e  sin  ri 
radh,  tha  tri  eaglaisean  a'  comhstri  am 
measg  da  cheud  duine — da  eaglais,  seadh 
a  tri  air  ainm,  agus  da  mhinistear  :  agus 
tha  gach  seorsa  do'm  buin  iad  a'  gearain 
air  cho  gann  agus  tha  ministearan  is  mision- 
araidh  aca  !  Mu  choinneamh  sin  tha  ionadan 
farsuinn  an  t-saoghail  chein  le  a  mhuilinnain 
sluaigh,  agus  iad  'nan  cinnich  'nan  suidhe 
an  dorchadas."  Is  ann  a  tha  comhstrithean 
agus  roinnean  anns  an  t-saoghal  a  tha  ann, 
'nan  cuis  naire  dhuinn  uile.  Ach  c6  is 
urrainn  daoine,  nis,  a  thoirt  gu  chaochladh  ? 
Chan  'eil  e  furasda.  Theid  ministearan 
thairis  o  eaglais  gu  eaglais.  Saoilidh  an 
eaglais  a  dh'  fhag  iad  gur  e  "  dhol  chon  nan 
con  "  a  rinn  iad !  B'  fhearr  dhaibh,  gu  mor, 
an  ceannas  a  tha  aca  a  chleachdadh  gu  bhith 
teagaisg  dhaoijie  agus  gu  bhith  'gan  cur  air 
bealach  an  leas  choitchionn.  "  Tha,"  arsa 
fear  ri  duine  eile,  "  ministearan  as  an  eaglais 


agaibh  air  a  dhol  gu  a  leithid  so  de  eaglais." 
"  Tha  fios  agam.,"  arsa  an  duine,  "  gu  bheil : 
ach  chart  fhaca  tu  mise  dol  innte  ?  "  "  Nan 
deigheadh  na  ministearan  agaibh  uile  innte 
an  deigheadh  tu  innte  ?  "  "  Gu  dearbh, 
cha  deigheadh,  ged  a  bhithinn  gun  mhinistear 
a  chaoidh." 


Nithean  iongantach 

Tha  mi  faictnn  nithean  ioghantach  a' 
gabhail  aite,  daoine  nach  pos  an  co-chreut- 
airean  an  sgirean  ciiileach  air  a'  Ghaidheal- 
rachd,  a  chionn  nach  buin  iad  do'n  eaglais 
aca  fMin,  fagaidh  iad  Polla  h-Ochd  agus 
posaidh  iad  Goill,  cuid  aca  sin  'nam  buill  de'n 
Eaglais  Shasannaich,  cuid  'nam  buill  de'n 
Eaglais  Romanaich  ;  agus  cuid  agus  gun 
iad  'nam  buill  de  rud  air  bith.  Agus  tha 
Polla  h-Ochd  sona  gu  leoir.  Seall,  a  ris, 
air  ministearan  nach  seasadh  an  eaglais  eile, 
an  cubaid,  air  moran,  agus  seasaidh  iad,  air 
a'  Ghalldachd  anns  an  Eaglais  Easbuigich ! 
Chan  'eil  mi  fhein  a'  faicinn  moran  duinealais 
anns  an  dol  a  mach  sin  co  dhiubh,  co  dhiubh. 
Cha  dean  e  chilis  ro  mhaith.  Agus  an  deigh 
sin,  is  eile,  chan  'eil  ciiisean  ach  maith  an 
taca  ri  mar  a  dh'fhaodadh  iad  a  bhith  air  a 
bhith. 

Tha  moran  de  nithean  a  dhith  air  Gaidh- 
ealtachd  na  tire  so.  Tha  daoine  a'  faicinn, 
gu  soilleir,  ma  ruitheas  ciiisean  gu  ceann  mar 
tha  iad  a'  dol  nach  bidh  Gaidhealtachd  idir 
ann.  Tha  gach  duine  a  tha  diirachdach  a' 
sparradh  oirnne  sinn  a  bhith  gniomhach 
agus  sinn  a  theachd  an  ceann  a  cheile  agus 
ar  dicheall  a  dheanamh  air  son  an  ni  a 
bhuineas  duinn  mar  Ghaidheil.  Agus,  fos, 
tha  an  aon  ni  as  fhearr  agus  as  motha  againn 
'gar  cumail  o  cheile,  a  chuile  latha  a  dh'eireas 
sinn  !  Fagaidh  sin  sinn  lag  aig  baile  ;  agus 
sinn  gun  comas  againn  lamh  mhor  chuideach- 
aidh  a  shineadh  gu  daoine  a  tha  feu  mach 
"  fada,  fada  thall." 


Gandhi 


Leis  an  Ollamh  Colla  Ddmhnullach. 


DE  do  bheachd  air  Gandhi  ?  Chuu'  mi  a' 
cheist  so  air  fear  a  bha  moran  bhliadhnachan 
anns  na  h-Innsibh,  ach  cha  robh  e  furasda 
dha,  a  bharail  a  thoirt  air  duine  nach  robh 
e  a'  tuigsinn.  Bhiodh  Gandhi  'na  dhuine 
naomh  an  diugh  agus  am  maireach  'na  fhear- 
lagha  fada  fada  thall ;  duine  simplidh 
neo-chiontach  an  diugh  agus  am  maireach 
dill  nam  peacach.  Thuig  mi  nach  fhaighinn 
moran   soluis   o'm    charaid   agus    cha   robh 


agam  ach  eachdraidli  a  bheatha  a  rannsach- 
adh  mar  a  b 'fhearr  a  b 'urrainn  domh. 

Thainig  Gandhi  do  Lunnainn  'na  dhuine 
6g  a  dh'ionnsachadh  lagha  agus  gun  moran 
dragh  fhuair  e  cead  eolas  air  lagh  a  chleach- 
dadh. Chaidh  e  do  thaobh  deas  Africa  a 
dhion  fear  d'a  luchd -diithcha  fein,  agus 
chunnaic  e  nach  robh  e  furasda  ceartas 
fhaotainn  d'a  luchd-dMhcha.  Shaoil  leis 
gu  'n  robh  aon  lagh  do'n  Bhreatunnach  agus 


GANDHI 


lagh  eile  do'n  Innseanach.  Dhuisg  na  chun- 
naic  agus  na  chuala  e  anns  an  Afric  fearg 
an  aghaidh  Bhreatuinn.  Thill  e  d'a  dhuth- 
aich  agus  gu  mhuinntir  fein  agus  chuir  e 
roim.he  gu'm  bristeadh  e  uachdranachd 
Bhreatuinn  anns  na  h'  Innsibh,  agus  sin  gun 
saighdearan  no  gunnacha  mora.  Rinn  e 
cogadh  ann  an  doigh  iir. 

"  Na  co-oibrichibh  le  Breatunn  agus  na 
paighibh  cisean  dhaibh  " — thubhairt  Gandhi 
ri  shluagh  fein. 

Na'n  do  thog  e  feachd  airm  bhiodh  fhios 
aig  Breatunn  mar  a  chiosnachadh  i  e,  ach 
eiod  a  dheanadh  iad  ri  duine  nach  glacadh 
bogha  no  claidheam.h  mar  iimeal-cogaidh. 
Thionndaidh  e  a  chul-thaobh  air  Breatunn, 
air  an  Roinn-Eorpa  agus  Am.erica,  agus  an 
oibribh  uile  gu  leir.  Bu  leoir  leis  cuibhle- 
shnioiuha  agus  heart  laim.he,  driighag  bheag 
de  bhainne  agus  luibhean  as  a'  gharadh. 
Creutair  faoin  ann  an  diiil  gun  dubh  e  mach 
na  linntean  agus  gu'n  tig  daoine  beo  mar 
rinn  an  sinnsir  mile  bliadhna  air  ais.  Dean- 
amaid  fanoid  air.  Cuireamaid  a  dhealbh 
anns  na  paipearan  naidheachd — -duineachan 
beag  caol  agus  stiall  de  chotan  m.u  theas- 
meadhoin !  Cha  d'thug  so  tilleadh  a  Gandhi. 
Rachadh  e  do  phriosan  ach  bha  fhios  aige 
nach  robh  so  ach  a'  meudachadh  iompair- 
eachd  thar  nan  Innseanach.  Cha  robh  ach 
an  aon  phort  aig  Gandhi— fagadh  Breatunn 
India,  fo  riaghladh  nan  Innseanach. 
B'fhearr  leis  saorsa  agus  droch.  riaghladh 
na  daorsa  agus  riaghailt  choigreach.  Chan 
eisdeadh  Breatunn  ris,  ach  bha  e  cinnteach 
gu'n  robh  an  t-am  a'  tarruing  dluth  anns 
am  faiceadh  am  faidh  beag  riiisgte  a  mhuinn- 
tir fhein  a'  riaghladh  na  diithcha. 

Cha  bu  toil  leis  Breatunn  no  a  doighean 
ach  bha  meas  mor  aige  air  daoine  glice 
agus  luchd-teagaisg  na  h-Eorpa.  Bhiodh 
e  a'  leughadh  an  Tiomnaidh  Nuaidh  agus 


bha  meas  mor  aige  air  teagasg  Chriosd,  ach  ged 
bha  meas  aige  air  a  theagasg  cha  do  lean 
e  riamh  E  mar  dheisciobul ;  dhliith-lean  e 
ri   Creideamh   nan   Hindiiach. 

M'  an  robh  e  air  a  mharbhadh  le  aon  d'a 
dhaoine  fhein  chunnaic  Gandhi  a  dhuthaich 
fo  riaghladh  a  luchd-diithcha,  ach  cha  robh 
iad  aonsgeulach  'n  am  measg  fhein,  is  bha 
i  air  a  roinn  eadar  India  agus  Pakistan,  no 
eadar  Hindiiaich  agus  Moharo.m.edanaich. 
Mhill  so  a  shonas  agus  a  shuaimhneas  ann 
an  deireadh  a  laithean,  ged  bha  dochas  aige 
fad  na  h-uine  gu'm  faigheadh  'iirnuighean 
eisdeachd,  gu'n  deanadh  an  sluagh  aith- 
reachas,  agus  gu'n  deanadh  an  da  thaobh 
reite  ann  an  sith  agus  ann  an  spiorad  a' 
ghraidh. 

Bha  meas  cho  mor  aig  a  dhaoine  fhein 
air  's  gur  beag  nach  robh  iad  ag  aoradh  dha, 
agus  ehoisinn  e  urram  agus  cliu  o'n  t-saoghal 
uile  mar  thoradh  a  dhiadhaidheachd  agus 
a  ghaol  air  sith  is  saorsa.  Cha  robh  a 
bheachdan  no  a  chleachdaidhean  a'  cordadh 
ruinn  daonnan.  Chan  'eil  e  fursada  do 
'n  aird-an-iar  an  aird-an-ear  a  thuigsinn, 
ach  bha  moran  a'  faireachduinn  gu'n  robh 
againn  ann  an  Gandhi  seorsa  faidhe.  Chun- 
naic sinn  faidhidinn,  fein-aicheadh,  gradh, 
trdcair,  sith  agus  co-fhulangas  air  am 
meudachadh,  agus  tha  na  beusan  sin  maiseach 
ann  an  sealladh  a'  Chriosdaidh. 

Tha  trasgadh  air  dol  a  cleachdadh,  anns 
an  linn  so  ach  tha  fhios  againn  gu'n  do 
chleachd  losa  trasgadh  agus  tha  am.harus 
againn  nach  bu  mhisde  a'  ghinealach  so 
beagan  fein-aicheadh  a  chleachdadh.  'Na 
dhoigh  fein  liubhair  Gandhi  a  theachdair- 
eachd,  soisgeul  na  sith  agus  a'  ghraidh. 
Tharruing  e  aire  dhaoine  a  dh'ionnsuidh 
na  firinn  mhaireannach,  gur  treise  an  spior- 
ad neo-fhaicsinneach  na  innleachdan  nan 
cumhachdach. 


Uilleam  Iain  Mac  Bhatair 

M.A.,   LL.D.,   D.LITT.  CELT.,    F.S.A.  (SCOT.),   HON.F.E.I.S. 


LE  bas  an  Ollaimh  Uilleam  Mac  Bhatair 
chain  sinn  an  sgoilear  Gaidhlig  a  b'fhearr 
a  bha  againn  an  Albainn,  agus  an  ciil  taice 
a  bu  laidire  a  bha  aig  sgoilearan  oga.  Ann 
an  sgoilearachd  na  Gaidhlig  bha  e  mar  bha 
an  t-OUamh  Mac  Iain  ann  an  litreachas  na 
Beurla,  chuireadh  fhacal  crioch.  air  gach 
uile  chonnsachadh. 

Ann  an  iolnradh  a  rinn  am  Fear-Ceasnach- 
aidh,  Domhnull  Sime,  air  obair  nan  Sgoilean 
an  1881-2,  thuirt  e  "  gu'n  do  thachair  an 
sgoilear   Greigis   a   b'   fhearr  a   chunnaic   e 


riamh  air  ann  an  sgoil  bhig  os  cionn  Alanais 
air  Machair  Rois."  B'e  Uilleam  Mac  Bhatair 
am  balach  sin,  agus  an  uair  a  chaidh  ^  do 
Oilthigh  Obareathain  bha  e  cho  maith 
air  Laideann  is  Greigis  's  gu'n  do  ehoisinn 
e  an  Seafield  Gold  Medal  agus  am  Black  Prize 
aig  deireadh  a'  chursa,  an  t-urram  as  airde. 
An  deidh  dha  anail  a  leigeil  fad  bliadhna 
mar  fhear-cuideachaidh  le  Sir  Uilleam 
Ramsay,  Professor  na  Laideann,  chaidh  e 
dh'  Oxford,  far  an  do  chliuthaich  e  e  fhein 
mar  a  rinn  e  an  Obar-eathain,  a'  cumail  air 


UILLEAM  IAIN  MAC  BHATAIR 


cheann  na  sreatha  daonnan,  agus  a'  cosnadh 
Honours  Dhuhailte  chan  ann  a  mhain  ann 
an  canainean  ach  ann  an  tilgeadh  uird 
agus  cloiche.  Bha  a  bhodhaig  cho  laidir 
ri  inntinn  ;  'n  a  cheithir  bliadhna  fichead 
bha  e  'n  a  mhac-mathar  cho  calma  direach 
dreachmhor  's  a  chitheadh  tu  ann  an  seachd 
siorramachdan . 

Bho  1894  gu  1909  bha  e  'n  a  Ard-cbeann 
air  an  Royal  Academy  an  Inbhir-Ms,  agus 
bho  1909  gu  1914  'n  a  Ard-cheann  air  an 
Royal  High  School  an  Diin-eideann,  ach 
an  uair  a  shiubhail  an  sgoilear  urramach, 
DomhnuU  Mac  Fhionghuin  an  1914,  bha  e  air 
a  chur  'n  a  aite  anns  a'  Chathair  GhaidhHg  an 
Oilthigh  Dhun-eideann  le  aonta  gach  duine 
an  Albainn  aig  an  robh  meas  air  Gaidhlig, 
oir  bha^  fhios  aca  nach  robh  sgoilear  eile  an 
Albainn  cho  maith  ris.  Agus  lean  e  air, 
ag  ionnsachadh  agus  a'  cur  ri  stor  an  eolais 
a  bha  aige  air  GaidhKg  Albannach  is  Gaidhlig 
Eirionnach  gus  mu  dheireadh  am  b'e  bu 
chuirt  agus  bu  bhritheamh  anns  a  h-uile 
ceist  a  bhuineadh  d'  arcanain  agus  d'  ar 
htreachas. 

Cha  bhiodh  feum  ann  dhomh  na  leabh- 
raichean  agus  na  paipearan  a  sgriobh  e 
ainmeachadh  air  leth  air  an  duUleig  so, 
oir  is  aithne  do'n  luchd-leughaidh  aig  a 
bheil  iiidh  ann  an  sgoilearachd  GhaidhHg 
na  leabhraichean  agus  na  paipearan  sin 
cheana,  agus  a  thaobh  a'  chorra  de'n  luchd- 
leughaidh  cha  bhiodh  ann  dhaibh  ach  Idrum 
agus  Odrum,  Giogalum  agus  Giogalorum. 
Ach  tha  mezid  na  obrach  a  rinn  e  'n  a  iongh- 
nadh  iir  dhomh  gach  uair  a  smuainicheas 
mi  air.  Cha  bhiodh  e  mionaid  n  a  thamh  ; 
eadhon  an  uair  a  bhiodh  e  a'  seanchas  riut 
bhiodh  e  a'  rannsachadh  agus  a'  ceasnachadh, 
a'  toirt  dhuit  barrachd  's  a  b'urrainn  thu  a 
thoirt  dha,  agus  bha  a  chuimhne  cho  niaith 
's  nach  fhaca,  's  nach  cuala,  's  nach  do  leugh 
e  rud  riamh  nach  robh  air  a  chur  air  an  sgeilp 
'n  a  inntinn  cho  ordail  's  gu'n  rachadh  aige 
air  a  lamh  a  chur  air  uair  bith  a  bhiodh  e 
dhith  air.  La  a  bha  mi  a'  bruidhinn  ri  fear 
d'a  mhic,  Seumasnach  maireann,  mu  chuimhne 
'athar  thuirt  e  gvi  robh  e  'n  dtiil  gu  robh 
cuimhne  aige  air  a  h-uile  facal  Greigis  ann 
an  Foclair  Liddel  agus  Scott.  Facal  mor!, 
ach  cia  dhiiibh  a  bha  e  f  ior  gu  litireil  no  nach 
robh,  bha  cuimhne  aig  an  Ollamh  Mac 
Bhatair  nach  robh  aig  duine  eile  a  b'  aithne 
dhom.h  riamh,  agus  is  e  cuimhne  mhaith 
da  thrian  de  sgoilearachd  chanainean. 

Is  e  Oilthigh  Obar-eathain  as  mathair-qide 
do'n  chuid  m.h6r  de  na  sgoilcaran  Gaidhlig 
as  fhiach  sgoilearan  a  radh  riii  ;  an  t-Ollamh 
Eoghan  Mac  Lachlainn  ;  an  t-Ollamh  Alas- 
dair  Mac  Bheathain  ;      an  t-Ollamh  Uilleam 


Mac  Bhatair,  an  t-Ollamh  Iain  Strachan  ; 
an  t-OUamh  Seoras  Calder  ;  an  t-Ollamh 
Iain  Friseal,  agus  aon  no  dha  eile  nach 
ainraich  mi  a  chionn  gu  bheil  iad  beo 
fhathast.  Cha  robh  gin  dhiubh  sin  ann  an 
class  Gaidhlig  riamh,  ach  bha  iad  'n  an 
sar-sgoilearan  an  Laideann  agus  an  Greigis, 
agus  is  e  Laideann  agus  Greigis  a  bha  'n 
an  lochrain  dhaibh  an  uair  a  thionndaidh 
iad  an  aire  gu  Gaidhlig. 

Tha  Mac  Bheathain  agus  Mac  Bhatair  a' 
seasam.h  os  cionn  chaich  uile,  agus  cha 
bhiodh  e  ro  mhor  dhomh  a  radh  gur  iad  a 
theagaisg  do'n  ghineal  so  na's  aithne  dhaibh 
mu  GhaidhHg  ach  a  mhain  na  fhuair  iad  o  am 
mathraichean.  Bhiodh  na  linntean  a  thainig 
'n  a  dheidh  ag  radh  gur  e  an  lighiche  Greugach 
Ipocrait,  "tobar  an  uile  eolais,"  agus  faodar  an 
ni  ceudna  a  radh  mu  Alasdair  Mac  Bheathain 
aims  an  t-seagh  gu'm  b'  esan  a  leag  na  bunait- 
ean  air  an  do  thog  an  fheadhainn  a  thainig  'n 
a  dheidh,  agus  a  theagaisg  dhaibh  ciamar 
a  thogadh  iad.  Ged  bha  barrachd  eolais 
aig  Mac  Bhatair  air  Gaidhlig  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  na  bha  aig  Mac  Bheathain, 
gu  sonraichte  air  Htreachas  na  Gaidhlig,  is 
ann  o  Mhac  Bheathain  a  dh'  ionnsaich  e  an 
toiseach  acfhuinn  na  sgoilearachd  a  laimh- 
seachadh,  agus  an  doigh  cheart  ah  dol  an 
caraibh  oibre  mar  fhear-ceairde  agus  chan 
ann   mar   phrabaire   groigeach. 

Is  e  sgoilear  anns  a'  mhile,  no  ann  an 
deich  mile,  a  bha  ann  am  Mac  Bheathain  ; 
an  uair  a  chuimhicheas  tu  air  an  obair  throm 
agus  sgitheil  a  bha  aige  ann  an  Sgoil  Rain- 
ing's,  air  cho  6g  's  a  bha  e  nuair  a  chaochail 
e,  agus  air  an  obair  fhiachail  a  rinn  e  leis  fhein 
(cha  b'e  asbhuainn  no  dubh-thalamh  a 
threabh  e  ach  riasg  laidir  ruighinn  anns 
nach  deachaidh  crann  riamh  gus  an  do 
chuir  esan  ann  e)  gun  chuideachadh,  gun 
chompanas,  gun  chomhairle  o  dhuine  air 
bith  a  b'  fhearr,  no  bha  cho  maith  ris  fhein, 
tuigidh  tu  ciod  a  ghne  dhume  a  bha  ann, 
sgoilear  mor-mor,  o'n  d'  fhuair  each  an  siol- 
cuir  a  chuir  iad  'n  an  achaidhean  fhein. 

Chan  e  mhain  gu  robh  an  t-Ollamh 
Uilleam  Bhatair  'n  a  sgoilear  ainmeil  ach 
bha  e  cho  maith  air  ceann  a  chur  ann  an 
gnothuichean  's  gu  robh  e  daonnan  a  leigeil 
a  sholuis  agus  eolais  a  mach  gu  daoine  eile, 
gun  a  chumail  dha  fhein  fo  shoitheach. 
Cha  robh  boinne  de'n  leisg  ann  ;  cha  bu 
dragh  leis  iiine  a  chosd  a  thoirt  cuideachaidh 
do  dhuine  air  bith  no  do  chomunn  air  bith 
a  bha  a'  feuchainn  ris  a'  GhaidhHg  a  chumail 
beo  is  laidir,  agus  cha  b'ann  air  ghaol  airgid 
no  buannachd  no  cliii  dha  fhein  a  chuir  e  a 
mach  a'  chuid  mhor  de  na  leabhraichean  a 
sgriobh  e,   ach  mar  leabhraichean-teagaisg  a 


6 


UILLEAM  IAIN  MAC  BHATAIR, 


bhiodh  feumail  do  sgoilearan  Gaidhlig,  sean 
is  6g.  Anns  a'  cheum  so  bha  e  fhein  agus 
Calum  Mac  Pharlain  gle  choltach  ri  cheile  ; 
b'e  teagasg  a  bha  daonnan  aca  anns  an 
amharc  agus  cha  b'  uallach  leo  leabhraichean 
uUachadh  air  son  oigridh.  Ghaidhealach. 
Fad  bhliadhnacban  bha  e  'na  sheorsa  de 
ard-chomhairHche  do'n  Chomunn  Ghaidh- 
ealach  a  thaobh  teagasg  na  cloinne,  agus 
is  e  a  chuir  ceann  ann  an  rud  feumail  no 
dha  a  rinn  an  Comunn. 

B'e  an  cul-taice  a  bu  laidire  a  bha  aig 
an  Celtic  Review,  a  bha  air  a  dheasachadh 
le  mhnaoi,  Ella  C.  Mc  GhiUe-Mhicheil 
agus  is  e  a  chuir  ceann  anns  an 
Scottish  Gaelic  Texts  Society  a  rinn  obair 
mhaith  agus  a  bha  a'  geaUtainn  obair  a  bu 
mhotha  a  dheanamh  gus  an  do  chuir  an 
cogadh  mu  dheireadh  sgur  oirre.  B'esan 
cuideachd  an  cul-taice  a  bu  laidire  aig 
Comunn .  Gaidhlig  Inbhir-Nis  bho  shiubhaU 
Alasdair  Mac  ^  Bheathain  agus  Uilleam  Mac 
Aoidh,  agus  ann  an  iomadh  doigh  eile  a 
dh'  fhaodainn  ainmeachadh  b'e  an  Ceann- 
iuil  a  b'  fhearr  agus  a  bu  laidire  a  bha  againn 
anns  a'  Ghaidhealtachd  o  chionn  deich 
bliadhna  fichead.  Cha  robh  ann  am  Mac 
Bheathain  no  ann  an  Domhnull  Mac 
Fhionghuin  ach  sgoUearan  aig  nach  robh 
gaol  no  sgU  air  riaghladh  no  air  propaganda, 
ach  a  thuilleadh  au-  a  bhi  'na  sgoilear  bha 
an  t-OUamh  Mac  Bhatair  maith  air  gniomh- 
achas  agus  air  riaghladh,  agus  bha  e  easgaidh 
gu  ceann  a  chur  ann  an  gnothuichean  feumail 
le  sgoinn  agus  foghainteachd.  Ann  an 
laithean  a  neirt  bha  buaidh  aig  fhacal  agus 
a  chomhairle  nach  robh  aig  facal  neach  air 
bith  eile  a  thaobh  ar  canain  agus  cor  ar 
duthcha,  agus  gheibheadh  e  eisdeachd  a 
chionn  gu  robh  fhios  aig  daoine  gu  robh  a 
thur  agus  a  thuigse  cho  comharraichte  r'a 
sgoUearachd. 

Cha  mhor  nach  lionadh  e  taobh-duilleig 
na'n  ainmichinn  na  leabhraichean  agus  na 
paipearan  a  sgriobh  e,  ach  ged  nach  tig  mi 
thairis  orra  an  drasd,  cha  bu  mhaith  leam 
gun  an  leabhor-mor  a  sgriobh  e  mu  Ainmean- 


aite  Ceilteach  an  Albainn  ainmeachadh  ; 
leabhar  as  fiachaile  a  thainig  a  mach  a 
OUthigh  air  bith  an  Albainn  o  chionn  iomadh 
bliadhna.  Tha  obair  anns  an  leabhar  so  a 
mhaireas,  agus  a  chumas  ainm  an  Ollaimh 
Uilleam  Mac  Bhatair  air  chuimhne  bhuan. 
Chan  'eil  lamh  eile  an  Albainn  an  diugh  a 
b'urrainn  an  obair  so  a  dheanamh  ach  an 
lamh  a  rinn  i. 

'Na  ghne  agus  'n  a  dhoighean  cha  d'ath- 
arraich  e  riamh'  seach  mar  bha  e  'n  a  bhalach 
ann  an  teaghlach  'athar  ;  gus  na  bliadh- 
nachan  mu  dheireadh  cha  robh  dad  a  b' 
fhearr  leis  na  sheacaid  a  chur  dheth  a  dh' 
obair  greis  air  achadh  buana.  Cha  robh 
meud-mhor  ann,  no  uaill,  no  boUich,  agus 
b'e  an  seorsa  dhaoine  a  bu  toigh  leis  a  bhi 
'n  am  measg  (a  mach  o  leithideaa  fhein) 
tuathanaich  is  geamairean  is  ciobairean, 
gu  sonraichte  ma  bha  iad  'n  an  daoine 
beachdail  aig  an  robh  Gaidhlig,  agus  cuimhne 
air  ainmean  chnoc  is  sheana  laraichean. 

Bha  e  anabarrach  coir  'na  thigh  fhein, 
agus  'na  charaid  maith  ;  ged  bu  mhor  na 
bha  'na  cheann  de  Ghaidhhg  agus  de  Ghreigis 
bu  mhotha  na  bha  'na  chridhe  de  choibhneas, 
chan  e  coibhneas-facail  no  gean-gnuise  ach 
an  coibhneas  gniomhach  sin  a  bheir  air 
duine  dragh  a  ghabhail  agus  uine  is  saothair 
a  chosd  a'  cuideachadh  dhaoine  eUe.  Fhrea- 
gradh  e  'n  a  laimh-sgriobhaidli  fhein  litrich- 
ean  o  choigrich  a  bhiodh  ag  iarraidh  eolais  no 
comhairle  air  mar  gu'n  robh  coir  aca  dragh 
a  chur  air  gus  dragh  a  shabhaladh  dhaibh 
fhein,  is  cheartaicheadh  e  air  son  a'  chlodh 
obair  dhaoine  eile  cho  ciiramach  's  ged 
bhiodh  an  leabhar  a'  dol  a  mach  fo  ainm 
fhein. 

Bha  e  ceithir  fichead  's  a  tri.  Bha  e  'n 
a  thoileachadh  mor  dha  gu  robh  a  mhac 
Seumas  a'  gealltuinn  a  bhi  'n  a  sgoilear  cho 
maith  ris  fhein,  agus  gur  e  a  chaidh  'n  a 
aite  anns  a'  Chathair  Ghaidhlig  an  uair  a 
leig  e  dheth  a  dhreuchd.  Ach  bha  Seumas 
air  a  chall  anns  a'  chogadh,  agus  tha  aobhar 
na  Gaidhlig  is  sgoilearachd  Ghaidhlig  an 
Albainn  an  diugh  gun  Cheann,  gun  chomas. 


Aig  an  Uinneig 


I  Chaluim-cille  agus  Giogha. 

Da  eaglais  agus  da  eilean  a  tha  na's 
ainmeile  na  eaglaisean  agus  eileanan  as 
motha  na  iad  a  chionn  gu  bheil  iad  air  an 
gealachadh  le  aois  agus  eachdraidh,  le  Calum- 
cille  agus  a  dheisciobuil,  agus  leis  a'  ghaol  a 
tha  aig  daoine  air  dol  a  dh'eileanan  beaga  a 
dh'fhaodas  iad  ruighinn  orra  gun  tinneas- 
mara,  agus  far  am  faigh  iad  saorsa,  agus 


biadh  maith,  agus  comhradh  ri  daoine  as 
fhearr  na  iad  fhein.  Bha  an  da  eaglais  so 
gun  mhinistear,  ach  tha  ministearan  aca  a 
nis,  Eoghan  A.Mac  Gill-eathain,  M.A.,  an  I, 
agus  Aonghus  Mac  Gille-mhaoil,  D.S.O., 
M.C.,  Leg.  Hon.,  C.  de  G.,  an  Giogha, 
daoine  a  dhearbh  iad  fhein  cheaha  mar 
dheagh  shaighdearan  losa  Criosd.  anns  an 
arm  agus  anns  an  eaglais.     Bha  Mghr  Mac 


AIG  AN  UINNEIG 


Gill-eathain  'n  a  nihinistear-feachd,  agus  mu 
dheireadh  bha  e  'n  a  Assistant-Chaplain- 
General. 

Chaidh  Aonghus  Mac  Gille-mhaoil  do'n 
arm  a  Leodhus  an  1904,  an  uair  a  bha  e 
ochd  bliadhna  deug.  Bha  e  sia  bliadhna 
deug  le  reiseamaid  Ghaidhealach  Siphort, 
agus  'n  a  dheidh  sin  seachd  bliadhna  leis  na 
Caineronianaich.  Bha  e  anns  a'  chogadh 
(1914-18)  fad  na  h-iiine  ;  dh'eirich  e  o'n  ranc 
gu  bhi  'n  a  Mhaidsear,  agus  'n  an  d'fhan  e 
anns  an  arm  chan  'eil  fios  gu  de  cho  ard 
's  a  dh'  fhaodadh  e  dol.  Ach  bha  a  chridhe 
suidhichte  air  e  fhein  ullachadh  air  son  na 
ministrealachd.  An  1928  chaidh  e  do  sgir 
Chill-eathain  an  Cinn-tir,  agus  an  1931  do'n 
eaglais  Ghaidhlig  an  Dim-eideann,  eaglais  an 
Naoimh,  Calum-cille.  Tha  mac  dha  'n  a 
mhinistear  ann  an  aite  air  choreigin  air  nach 
'eil  cuimhne  agam.  Tha  e  air  a  radh  gu 
bheil  e  maith  air  luingearachd  agus  air 
iasgach,  da  chleachdadh  abstolach  a  fhreagras 
air  Giogha. 

A  bheartan  iongantach  's  an  doimhne 

Ann  an  te  de  na  saihn  tha  e  air  a  radh 
gu'm  faic  iadsan  a  theid  a  mach  air  an 
fhairge  gniomharan  an  Tighearna  agus  a 
bheartan  iongantach  's  an  doimhne.  Ma 
chunnaic  seoladairean  ludhach  moran  de 
mhiorbhuilean  Dhe  air  an  fhairge  chunnaic 
seoladairean  Bhreatuinn  barrachd  dhiubh, 
chunnaic  iad  tighean-soluis  nach  fhaca  ludh- 
aich  no  Greugaich  riamh,  agus  ciod  a  tha 
ann  an  tighean-soluis  ach  beartan  iongantach 
anns  a'  chuan  leis  a  bheil  Dia  a'  nochdadh  a 
choibhneis  dhaibhsan  a  theid  a  mach  air 
an  fhaii'ge,  agus  'g  an  saoradh  o  chunnartan 
agus  o  sgrios  ?  Ma  thug  Dia  gliocas  agus 
tur  do  Bhesaleel  agus  Aholiab  a  dheanamh 
gach  gne  oibre  nach  b'urrainn  daoine  eile 
a  dheanamh  an  uair  a  bha  iad  a'  cur  suas  an 
ionaid  naoimh,  nach  ann  o  Dhia  a  fhuair  na 
daoine  a  chuir  suas  tigh-soluis  Eddystone 
agus  tigh-soluis  na  Sgeire-mdire  an  tur  agus 
an  sgil  leis  an  do  rinn  iad  an  obair  dhuilich 
sin.  Bu  mhaith  gu'n  deachaidh  uiread  thigh- 
ean-soluis  a  chur  suas  roimli  so,  an  uair  a 
bha  clachairean  an  Albainn  a  b'fhiach  clach- 
airean  a  radh  riu,  oir  bhiodh  e  duilich  an 
diugh  an  seorsa  chlachairean  f  haotainn  a  bha 
aig  Stevenson  agus  Telford.  B'e  clachairean 
Obar-Dheadhain  clachairean  a  b'fhearr  an 
Albainn,  agus  thug  Stevenson  da  fhichead 
dhiubh  do  Thiriodh  a  dh'obair  aig  an  tigh- 
sholuis  air  an  Sgeir-mhoir.  B'e  an  tuarasdal 
a  bha  aca  tri  tasdain  's  an  latha  eadar  toiseach 
November  agus  deireadh  lanuari,  agus  tri 
is  deich  sgillinn  eadar  toiseach  Februari  agus 


deireadh  October,  an  uair  a  bhiodh  iad  ag 
obair  deich  uairean.  Bha  aca  ri  'm  biadh 
a  thoirt  as  a  sin. 


An  Sgeir  mhor 

Cha  ghabh  e  innseadh  am  feum  a  rinn 
tigh-soluis  na  Sgeire-moire,  no  aireamh  nam 
bataichean  agus  nan  daoine  a  shabhail  e  o 
sgrios.  Siar  agus  deas  air  Tiriodh  tha  an 
grunnd  gu  maith  tana  agus  salach,  Ian  roc 
agus  bhoghaichean  agus  sgeirean,  boghaich- 
ean  a  tha  samhach  ri  sid  mhaith  agus  airde- 
mhara,  ach  a  bhriseas  aig  isle-mhara,  agus  a 
bhriseas  gu  h-eagallach  an  uair  a  tha  gluasad 
's  a'  chuan  ri  stoirm.  Air  uairean  chi  thu  mu 
ochd  no  deich  mile  de'n  fhairge  mu'n 
Sgeir-m.h6ir  'n  a  caoraibh  geala  mar  gu'm 
b'e  aon  bhogha-lair  a  bha  a'  briseadh.  Is 
suarach  an  t-astar  a  tha  eadar  an  Sgeir- 
mhor  agus  Eirinn,  agus  an  uair  a  chuimh- 
nicheas  tu  gur  e  sin  an  t-seolaid  aig  bataichean 
o  Chluaidh,  a'  dol  agus  a'  tighinn  thairis 
air  an  Atlantic,  tuigidh  tu  cho  cunnartach 
's  a  bha  an  t-seolaid  so  m'an  deachaidh  na 
tighean-soluis  so  a  thogail,  Innistrahull, 
Ceann  Bharraidh,  An  Sgeir  mhor,  an  Rinn 
Ileach. 

Bha  solus  na  Sgeire-moire  air  a  lasadh  air  a' 
cheud  oidhche  de  Februari  1844.  B'e 
Maighstir  Niall  a  bha  'n  a  mhinistear  an 
Tiriodh  aig  an  am,  is  tha  e  dhomh  mar  gu'n 
cluinninn  e  o  chuid-eigin  de  na  seann  daoine 
gur  e  an  ceann-teagaisg  a  bha  aige  air  an 
ath  Shabaid,  Iadsan  a  theid  sios  do'n  fhairge 
air  longaibh,  a  ni  obair  air  uisgeachan  mora, 
chi  iadsan  gniomharan  an  Tighearna,  agus 
a  bheartan  iongantach  's  an  doimhne.  Cia 
dhiubh  a  tha  so  fior  no  nach  'eil,  bha  baigh 
aig  Maighstir  Niall  ri  seoladairean  agus 
diirachd  gu'n  cuireadh  Commissioners  nan 
Tighean-soluis  solus  air  an  Sgeir-mhoir,  oir 
chiim  e  cuimhne  air  na  bataichean  a  bha  air 
an  call  air  Ceann  Shiar  an  eilein  ann  an  da 
fhichead  bliadhna,  agus  thug  e  am  paipear 
sin  do  na  Commissioners,  le  ainm  a'  bhata 
agus  ainm  an  sgiobair.  Bha  aon  deug  air 
fhichead  air  an  call. 

Ged  nach  'eil  am  facal  Tigh-soluis  air 
ainmeachadh  anns  a'  Bhiobull  tha  e  air  a 
radh  ann  trie  gu  leoir  gu'm  bu  choir  do 
dheisciobul  Chriosd  a  bhi  mar  thighean- 
soluis  anns  an  t-saoghal.  Ma  tha  iad  a' 
comharrachadh  na  slighe  do  luchd-turuis 
eile  tha  iad  'g  an  saoradh  o  chunnart  agus  o 
chall.  Nach  maith  an  cliu  a  thug  Eoin  do 
Eoin  Baiste,  B'esan  an  solus  lasarach  agus 
dealrach ! 

Is  sibhse  ^olus  an  t-saoghail. 


AIG  AN  UINNEIG 


Lios-mor 

MA'S  ann  o  bha  e  air  a  shuidheachadh  an 
Lios-mor  an  1945  a  chruinnich  an  t-Urramach 
Iain  Mac  Ghille-xnhicheil,  D.S.O.,  M.C., 
M.A.,  am  fiosrachadh  a  chuir  e  anns  an 
leabhar  so  cha  robh  e  'n  a  thamh.  Ach  is 
ann  do  sheann  stoc  an  eilein  a  bhuineas  e 
fhein,  is  theagamh  gu  robh  e  'n  a  inntinn  o 
chionn  iom.adh  bliadhna  leabhar  a  sgriobhadh 
m.u  eilean  a  dhuthchais,  an  t-eilean  tiorail 
a  tha  thall  mu  choinneam.h  an  Obain,  air 
a  chuartachadh  le  fonn  is  fairge  is  seallaidhean 
sho  maiseach  's  a  tha  an  Albainn. 

Gheibh  m.uinntir  Lios-mor  iomadh  rud 
anns  an  leabhar  so  a  chumas  seanchas  riu 
air  oidhchean  fada  geamliraidh  air  cheilidh, 
sgeulachdan  mu  Dheirdre  agiis  Clann  Uisne, 
mu  Fhionn  Mac  Cum.hail  agus  an  Fheinn 
(ged  is  ann  air  an  taobh  eile  de'n  Linne 
Lathurnach  a  bha  iad)  ;  mu  easbuigean 
agus  mu  dhiadhairean  agus  mu  thighearnan- 
fearainn  ;  m.u  bheatha  agus  m.u  bheoshlaint 
an  t-sluaigh,  agus  fichead  rud  eile  a  bhuineas 
do'n  t-seann  t-saoghal.  Tha  e  ag  innseadh 
m.u  dhaoine  agus  m.u  theaghlaichean  ainm.eil, 
Cloinn  Mhic  Am.hlaidh,  an  Deadhan  Seumas 
Mac  Griogair,  D6m,hnull  Mac  Neacail,  agus 
feadhainn  eile  nach  ruig  mi  a  leas  ainmeach- 
adh.  Ach  b'e  an  Naom.h  Moluag  an  duine 
a  b'ainm.eile  a  bha  riam.h  an  Lios-m.6r  agus 
tha  e  freagarrach  gu'n  leudaicheadh  Mghr 
Mac  Ghille-Mhicheil  air  a  bheatha  agus 
obair-san  m.ar  nach  do  rinn  e  air  obair 
chaich. 

.  Chunnaic  Caol  Muile  iom.adh  seorsa  regatta 
troimh  na  linntean,  ach  thug  an  regatta  a  bha 
eadar  Calum.  Cille  agus  Moluag,  fevich  c6 
aca  a  ruigeadh  Lios-m.6r  an  toiseach,  barr 
orra  uile.  Nach  saoil  thu  gu  bheil  thu  'g 
am.  faicinn,  Calum-cille  ann  an  deireadh  na 
curaich  aige  fhein  (an  Dubh  Ghleannach)  'g 
a  dhu-eadh  's  'g  a  chromadh  fhein,  agus 
iorram  brosnachaidh  aige  'g  a  sheinn  do'n 
sgioba  a  bha  air  na  raim.h, 

Sin   sibh,    'illean,    tulgadh   laidir, 
Hogan !    air  cuan,   nuallan  gairich, 
Heig  air  chnagaibh ! 
Farum  le  bras-ghaoir  na  bairlinn 
Ris  na  maidibh. 

Mur  robh  iorram  aig  Moluag  bha  seoltachd 
ann;  an  uair  a  chunnaic  e  bata  Ohaluim  a' 


buannachd  air  an  te  aige  fhein,  leum  e  do'n 
toiseach,  rug  e  air  tuagh,  le  aon  bhuille 
ghearr  e  an  liidag  dheth  fhein,  is  thilg  e  i 
gu  tir  m.ar  gu'm  biodh  spitheag,  agus 
ghlaodh  e  cho  ard  's  gu'n  cualas  anns  an 
Apuinn  e,  "  Le  mfhuil  agus  m'fhedil  tha 
m,i  a'  gabhail  seilbh  anns  an  eilean  so,  agus 
'g  a  bheannachadh  an  ainm  an  Tighearna. 

Cha  bu  toigh  le  Calum-Cille  riamh  duine 
eile  a  dh'fhaotainn  na  buadha  air,  is  tha  e 
air  a  radh  gu'n  do  ghabh  e  an  fhearg  agus 
gu'n  do  mhallaich  e  Moluag.  Ach  c6  aige 
tha  fhios  ?  Chan  'eil  anns  an  sgeul  so  ach 
an  seorsa  ris  an  abrar  "  seann  saighdearan," 
agus  tha  fhios  aig  an  t-saoghal  nach  tig 
bas  idir  air  seann  saighdearan. 

Cha  mhor  sgirean  no  eileanan  an  Albainn 
a  tha  an  eachdraidh  air  innseadh  cho  maith 
's  a  tha  Mghr  Mac  Ghille-Mhicheil  ag  innseadh 
eachdraidh  Lios-mor  anns  an  leabhar  so, 
agus  leugh  mi  e  le  iiidh  is  tlachd  o  thoiseach 
gu  deireadh.  Chan  'eil  ach  aon  choire  air, 
gu  bheil  e  ro  dhaor  (coig  tasdain  fhichead), 
ach  theagam.h  nach  sor  muinntir  Lios-mor 
agus  daoine  eile  aig  a  bheil  gaol  air  an  eilean 
a'  phris  sin  a  thoirt  air,  a  chionn. gur  ann  a 
chuideachadh  na  h-eaglais  a  tha  e  air  chur 
a  mach. 

Ma  levighas  Mac  Cailean  Mor  an  leabhar 
so,  agus  is  docha  gu'n  leugh,  c6  aige  tha 
fhios  nach  toir  e  air  ais  do'n  eilean  am 
Bachull  Mor  a  tha  nis  air  a  glileidheadh  gu 
ciiramach  an  Caisteal  lonar-Aora.  An  sin 
dheanadh  Lis-mor  fuidse  air  I.  Ach  is  e 
a'  bhochdainn  air  fad,  m.ar  is  motha  a  thatar 
a'  deanamh  de  Chalum.-cille  agus  de  Mholuag 
an  Albainn  an  diugh,  de  na  Naoimh  agus  de 
ghloir  an  t-seann  t-saoghail,  gur  ann  is  motha 
a  tha  an  da  eilean  a  bheannaich  na  Naoimh 
sin  a'  dol  sios,  air  chor  agus  nach  'eil  ann 
an  Lios-mor  agus  ann  an  I  a  nis  ach  eileanan 
gun  chloinn  gun  sgoilearan  gun  cheol-gaire  ; 
eileanan  anns  a  bheil  fearann  agus  feurach 
m.aith  ach  daoine  a  dh'oibricheas  e  a'  fas 
gann.  Ri  mo  cheud  chuimhne  bhiodh  de 
Liosaich  aig  an  Fhaidhir  Mhuilich,  a'  reic 
agus  a'  ceannach  each,  's  gu'n  saoileadh 
tu  gu'n  cuireadh  iad  an  Fhaidhir  fodhpa 
fhein,  ach  ged  tha  ochd  deug  ar  fhichead  a 
dh'eich  ann  an  Lios-mor  fhathast,  agus  tri 
fichead  geadh,  agus  ochd  deug  de  choilich 
Fhrangach,  cha  do  rugadh  aon  leanabh  ann 
ann  an   1946. 


Aireamh  5 


1948 


lomadh  Crun 


Leis  an  Urr.  Calum  Mac  Gilleathain,  M.A.,  Conan. 
Air  a  cheann  bha  mdran  chrun. — Taish.  xix.  12. 


AN  uair  a  bha  losa  Criosda  air  an  talamh 
chaidh  a  chrunadh.  Riim  daoine  culaidh- 
mhagaidh  dheth  amis  an  latha  anns  an  do 
dh'iath  cumhachd  an  dorchadais  uime. 
Cbuir  iad  crun  draighinn  air  a  cheann  gloir- 
mhor  agus  iad  a'  deanSmh  taire  air,  slatag 
'n  a  laimh  agus  falluinn  uime  ;  agus  cluinn 
an  sgeig,  "  Failte  ort  fhein,  a  Righ  nan 
ludhach."  Caithreum  nan  Ifrinneach  :  agus 
anns  an  uair  ud  bha  na  h-ainglean  'n  an  tosd. 
Car  son  a  rinn  iad  a  leithid  ?  B'  e  a'  chasaid 
gun  robh  e  a'  deanamh  righ  dhetb  fhein, 
no  a'  gabhaU  air  a  bhitb  'n  a  righ.  Agus 
thuirt  iad  ri  Pilat,  "  Ma  leigeas  tu  am  fear 
so  fa  sgaoil  cha  charaid  do  Cheasar  thu  ; 
ge  b'  e  neach  a  ta  a'  deanamh  righ  dheth 
fhein  tha  e  a'  labhairt  an  aghaidh  Cheasair." 
"Ar-mach!"    "Ar-mach!" 

Thuirt  PUat  ri  losa,  "  A  bheO.  thu  'n  a  do 
righ  uime  sin  ?  "  Agus  thuirt  losa  ris, 
"  Thuirt  thu  e,"  na  "  tha  thu  aige !  " 

Cheus  iad  e  ma  ta,  agus  so  air  a  sgriobhadh 
OS  a  chionn  an  Greigis  an  Laidinn  agus  an 
Eabhra, 

"Is  e  so  Righ  nan  ludhach." 
Gidheadh,  mar  sin  fhein,  chuireadh  an 
fhirinn  suas.  Sheas  sud  agus  seasaidh  e. 
"  Feuch  an  duine,"  arsa  Hlat,  agus  seasaidh 
sin  cuideachd.  Is  maith  an  fhirinn  "  ged 
a  b'  ann  a  beul  bruid." 

Ach  de  a  nis  a  thug  air  daoine  bhith  de 
'n  bheachd  gun  robh  e  a'  deanamh  righ 
dheth  fhein  ?  Agus  de  thug  air  fhein  an 
uair  a  bha  e  aig  cathair-breitheanais  dhaoine 
gun  a  dhol  as  aicheadh  ?  Tha  an  t-aobhar 
so  air.  Dh'iarr  Clann  Israel  righ  agus  fhuair 
iad  Sal.  Fhuair  iad  an  sin  Daibhidh.  Agus 
an  uair  a  fhuair  iad  Daibhidh  fhuair  iad 
togail.  Shaor  Daibhidh  iad  a  lamhan  an 
naimhdean.  An  deigh  sin,  bha  iomadh 
righ  aca,  cuid  maith  agus  cuid  olc,  agus  cuid 
mar  a  chanar,  gun  moran  maith  no  olc* 
Ach  thainig  so  chuca  mar  dhochas  agus  mar 
dhtiil  a  dh'altruim  na  faidhean,  a  chuir  an 
Tighearna  do  'n  ionnsaigh,  gum  faigheadh 
iad,  fa  dheireadh,  righ  Mor,  an  dara  Daibh- 
idh, de  shhochd  Dhaibhidh  ach  ard  os  cionn 
Dhaibhidh  'n  a  bhuaidh  is  'n  a  bheannachd. 
Mar    sin,    bha    coimhlaitheachd    Israel    ag 


amharc  air  son  "  oglach  an  Tighearna " 
agus  "  an  Righ  Mor "  agus  "  am  Mesias. 
Cha  robh  losa  gun  fhios  aige  air  sin.  Ach 
is  e  a  chi  sinn  a'  tighinn  as  gun  do  ghabh 
losa  sin  uile  chuice  fhein  agus  gun  do  ghabh 
e  coimhlionadh  na  faisneachd  sin  air  fhein." 

''  An  tusa,"  arsa  Eoin,  "  an  ti  a  bha  ri 
teachd  na  am  bi  stiU  againn  ri  neach  eile  ?  " 
"  Falbhaibh  agus  innsibh  a  dh'  Eoin." 
Agus  is  e  an  sin,  mar  an  ceudna,  an  ni  a  bha 
an  cridhe  nan  deisciobail,  "  Bha  diiil  againne 
gur  h-e  a  bha  gu  Israel  a  shaoradh." 

An  deigh  na  h-aiseirigh,  agus  gu  ro  araidh 
an  deigh  latha  na  Caingeis,  fhuair  na  deiscio- 
bail fradharc  is  stiilean.  Co  ach  Peadar  a 
b'  urrainn  a  radh,  "  Air  dhomh  a  bhith  aon 
uair  dall  tha  mi  nis  a'  faicinn."  "  Uime  sin 
biodh  fhios  gu  cinnteach  aig  tigh  Israel  uUe 
gun  do  rinn  Dia  'n  a  Thighearna  agus  'n 
a  Chriosd  an  t-Iosa  so  fhein,  a  cheus  sibh." 

Bha  losa  'n  a  Chriosd  agus  e  air  ardachadh, 
air  dol  a  steach  do  a  ghloir.  Bha  ainm  air 
a  thoirt  dha  a  bha  os  cionn  gach  ainm.  Agus 
latha  de  na  laithean  a  bha  ann  bha  aon  de  a 
sheirbhisich  anns  an  spiorad  agus  chunnaic 
e  "  Righ  nan  righrean  agus  Tighearna  nan 
tighearnan,"  agus  ma  chunnaic,  bha  e  cinn- 
teach CO  a  chunnaic  e,  losa !  Agus  comhla 
ri  gach  ni  eile  bha  airidh  air  innse  (de  na 
chunnaic  e  maille  ris)  bha  "  iomadh  crim," 
"  agus  air  a  cheann  bha  iomadh  criin." 
Morachd  os  cionn  morachd  ;  cumhachd  os 
cionn  cumhachd ;  gloir  os  cionn  gloir ; 
beatha  os  cionn  beatha. 

Chan  e  aon  chrun  a  tha  air  righ  Bhreat- 
ainn.  Chan  e  aon  oighreachd  na  aon  inbhe 
a  bhuinneas  da.  Aig  aon  am  thig  e  am 
follus  agus,  feuch,  Ard-admioral  na  Neibhi ; 
d  ris,  so  chugainn  Ard-chomanndair  an  Airm  ; 
a  nis,  a  ris,  righ  Shasainn  ;  agus  a  ribhist 
eile,  righ  Albann.  Agus  cha  bheag  do  aon 
duine,  air  a  mheud,  eadhoin  a  h-aon  aca  sin. 
Ach  bha  an  t-  Urramach  Mall  Moireaston  a 
bha  an  Leodhas  latha  deanamh  searmon  air 
a'  cheann  so,  agus  thoisich  e  air  innse  mu 
'n  chrun  Bhreatannach  le  a  neamhnaidean 
luachmor  is  oirdhearc,  le  an  eachdraidh  is 
am  maise,  agus  arsa  esan,  "  ach  an  taice  ris 
a'  chriin  a  tha  so  chan  'eil  ann  ach  mar  gum 


lOMADH  CRUN 


faiceadh  tu  seann  chliabh  ri  taobh  an  rathaid 
is  a  mhas  os  a  chionn !  "  Agus  tha  sin  fior. 
Ged  a  bhiodh  a  chuile  criin  a  chaidh  riamh 
troimh  lamhan  a  chuile  or-cheard  a  chuir 
crun  an  uidheam  air  son  righ  talamhaidh  o 
chuireadh  a  cheud  lubag  oir  'n  a  choran  air 
righ,  air  an  cur  an  ceann  a  cheile  cha  deanadh 
iad  maoin  an  coimeas  ris  a'  chrun  as  lugha 
tha  air  ceann  losa. 

I. — Tha  Cnin  a'  ChruitMhear  air 

Bha  e  'n  a  shaor  an  Nasaraet,  agus,  mar 
a  thuirt  Niall  Moireaston,  "  Saor  maith 
cuideachd."  Chaidh  na  lamhan  gu  feum. 
Chan  'eil  aon  ioneal  am  measg  dhaoine  cho 
iongantach  agus  cho  innleachdach  agus  cho 
comasach  ri  lamh  an  duine.  Is  iomadh 
beairt  a  dhealbh  agus  a  thog  an  duine  ach 
cha  do  chuir  e  fhathast  gin  ri  cheile  cho 
smaointinneach  ri  a  laimh  fhein !  Ach  feuch 
lamhan  Chriosda !  De  an  comas  agus  an 
gleusachd,  mar  lamhan  ?  Chruthaich  iad 
an  saoghal  is  a'  ghrian  is  a'  ghealach  agus 
na  reultan  a  tha  fada  nis  mo  na  iad  sin. 
Cruithfhear  a'  chruthachaidh  gu  h-iomlan. 
Tha  fhios  agam  gun  do  rinneadh  oidhirp 
air  ar  fagail  le  cruthaidheachd  gun  cruith- 
fhear! "Ach  CO  a  chruthaich  iad  so"? 
"Co,"  arsa  an  Tiomnadh  Nuadh,  "  ach 
losa  Criosd."    Ciiis  a'  smaoinich. 

II. — Tha  Criin  an  t-Slanuighear  air 

Sin  an  soisgeul,  nach  e  ?  Agus  chan  'eil 
ach  aon  slanuighear  ann.  Chan  'eil  ainm 
eile  fo  na  neimhan  am  measg  dhaoine  trid 
an  tearnar  duine.  Ma  bhios  aon  pheacach 
a  chaoidh  an  gloir  bidh  e  ann  air  sgath 
Chriosd.  Chan  'eil  e  gu  muthadh  c6  dhuibh 
a  bha  e  'n  a  pheacach  ri  linn  Noa  na  ri  linn 
Eoin  ;  c6  dhuibh  a  bha  e  an  Aisia  na  an 
Hiort.  So  an  t-eadar-mheadhonair ;  agus 
so  an  eiric  ;  agus  so  an  t-slainte.  Mur  'eil 
so  agairm  "  Far  nach  ruig  an  rodan  air  " 
chan  'eil  eolas  againn  air  ciod  is  soisgeul  ann. 
Aon  Slanuighear.  Aon  chrun  air  son  sin. 
Chan  'eil  feum  air  a'  chorr.  Tha  e  comasach 
air  na  h-uile  a  thig  a  dh'ionnsaigh  Dhe 
tridsan  a  shaoradh  chon  a'  cheum  as  fhaide 
mach.  0  !  nach  maith  agus  nach  ro-mhaith 
an  naidheachd  i  ?     Righ  na  saorsa. 

III.— Tha  Crun  D6  air  Ipsa 

Na  daoine  a  chuir  a'  cheud  eaglais  air  chois, 
ri  linn  an  Tiomnaidh  Nuaidh,  bu  daoine  iad 
a  bha  creidsinn  ann  an  Dia — aon  Dia  a  mhain. 
Cho  fada  agus  is  fiosrach  sinne  is  iadsan — 
Clann  Israel  a  reir  na  feola — a'  cheud  sluagh 
air  talamh  a  fhuair  eolas  De  mar  an  aon 
Dia  beo  agus  fior.  Cha  robh  anns  a'  chorr 
ach  iodhalan  agus  neo-ni.     Is  ann  uapa-san 


a  fhuair  sinne,  talamh  na  Criosdachd,  agus, 
mar  an  ceudna,  talamh  Mhuhamaid,  an 
creud — ■"  Aon  Dia  a  mhain."  Agus  bha 
Clann  Israel  air  an  smachdachadh  gu  trom 
ri  linn  iad  a  bhith  an  sgoil  na  diadhachd, 
troimh  nan  ginealaichean,  a  chum  agus  nach 
biodh  rian  na  aite  aca,  fa  dheireadh,  beachd 
a  chaochlaidh  a  bhith  aca — "  An  Dia  beo." 
Agus  thainig  losa  ;  agus  thogadh  suas  e. 
Agus  de  a  nis  ?  Cha  robh  aite  anns  na 
neimhean  ach  meadhon  na  righ-chathrach 
air  a  shon!  "  Agus  rinn  iad  aoradh  dha.'' 
Tha  meur  ann  a  tha  a'  gabhail  aite  na  h- 
eaglais  dhi  fhein  nach  lean  iad  's  a'  cheum 
sin.  Ach  tha  an  corr,  an  eaglais  gu  coitch- 
ionn,  'g  an  leantainn  gu  furasda,  reidh  anns 
a'  cheum  so.  An  uair  a  sheinnear  na  sailm 
's  an  eaglais  is  e  losa  a  thatar  a'  moladh. 
Agus  nach  trie  na  naoimh  a'  gairm  air 
ainm  ? 

IV. — Tha   Crun   na  Fireantachd   air 

Bha  an  t-abstol  Pol  a'  sireadlx  fireantachd. 
Tha  maith  is  olc  ann.  Sin  ni  a  tha  daoine, 
anns  gach  aite  anns  an  d'fhuaradh  daoine 
riamh  a'  creidsinn.  Chan  e  gu  bheil  daoine 
de  an  aon  bharaU  mu  de  a  tha  maith  agus 
de  a  tha  olc.  Ach  tha  daoine  deanamh 
criochan,  agus  ni-eigin  aca  de  sgaradh  'g  a 
dheanamh,  mar  a  tha  eadar  latha  is  oidhche. 
Agus  bha  daoine  glice  riamh  a'  deanamh 
dheth  gur  maith  am  maitheas  agus  gur 
dorainneach  truagh  an  t-olc.  Is  e  beannachd 
an  duine  mhaith  gu  bheil  e  maith.  Is  e  am 
maitheas  a  bhuanachd.  Faodaidh  e  call  air, 
an  atrgead  is  eile,  ach  is  e  an  duine  an  ni. 
Ma  tha  thu  'n  a  do  dhroch  dhuine  de  a  ni 
an  saoghal  gu.  h-iomlan  duit  aig  a  cheann 
mu  dheireadh  ?  Caite,  ma  ta,  an  d'fhuair 
Pol  fireantachd  ?  Fhuair  an  Criosd.  Tha 
e  ag  radh  nach  dean  duine  beo  a'  chuis  le 
fhireantachd  fhein.  Tha  ar  cuid  fhein  dhi, 
mar  a  bha  i  ri  linn  an  fhaidh,  "  'n  a  luideagan 
salach."  Gu  dearbh  fhein  tha.  Chan  'eil 
eachdraidh  gach  duine  ach  aig  Dia.  Ach 
ma  is  e  eachdraidh  Pheadair  e,  eadhoin  an 
latha  nan  gras,  cha  robh  e  gun  lochd  gun 
choire.  "  Chronaich  mi  anns  an  aghaidh  e," 
arsa  Pol.  Agus  de  mu  Phol  e  fhein  ?  An 
duine  beannaichte !  De  a  chanadh  e  a 
nis  ach  e  bhith  dol  troimh  Leabhar  Gniomh- 
aran  nan  Abstol  cuide  ruinn  ?  A!  seadh, 
chaidh  mi  cearr.  Ach  is  e  cliu  Chriosd 
an  cliu  iomlan.  "  losa  Criosd  am  firean." 
An  ti  naomh.  Tha  feum  aig  Maois  air  siii. 
Tha  feum  aig  Daibhaidh  is  aig  Solamh  air, 
aig  Eoin  is  aig  Pol.  Sin  an  sealladh  is 
miorbhailiche  de  an  iomlan — "  As  eugmhais 
peacaidh."  "  M'  oglach  fireanach."  "  Anns 
a  bheil  mo  mhor-thlachd." 


lOMADH  CRUN 


V.^Tha   Criin   a'   Ghr^idh  air  losa 

Is  maith  dhuinne,  do  ar  ciall  agus  do  ar 
n-aignidhean,  gu  bheil  fhios  againn  gu  bheil 
Dia  idir  ami.  Ach  cia  mor  am  maitheas  gu 
bheil  Dia  ann  'n  a  sholus  is  naomJi,  tiile- 
ghlic  iis  uile-chumjiachdach,  agus  gur  gradh 
Dia  ?  Agus  is  e  Criosd  a  rinn  sin  soOleir 
duinn,  a  rinn  an  Dia  sin  a  chur  fa  ar  comhair. 
Agus  is  ann  do  bhrigh  gu  bheil  sinn  a' 
creidsinn  gu  bheil  an  t-Athair  mar  am  Mac 
a  tha  sinn  munghuineach  ann.  Sgriobh  Pol 
a  chum  nan  Corintianach  agus  m.hol  e  gr^dh. 
Tha  am  moladh  sin  anns  an  XIII  Caib.  de 
'n  cheud  litir  an  riochd  laoidh.  Agus  ciod 
a  tha  cho  airidh,  mar  ni,  air  a  mholadh  ri 
gradh  ?  Gun  ta,  an  uair  a  leughas  tu  a' 
chuid  sin,  de  a  tha  agad  ann  ach  cliu  an 
Tighearna  losa  Criosd  ?  "  An  so  tha  gradh." 
"  Is  ann  mar  a  gradhaich  Dia  an  saoghal 


..."     "  Gr^dh  is  mo  na  so  chan  'eil  aig 
neach  air  bith  .  .  ." 

De  an  gne  graidh  leis  an  do  gradhaich  Dia 
sinne  an  losa  Criosd  ?  Tha  aon  ni  maith 
air.  Tha  e  buan.  Tha  e  siorruidh.  Sin 
an  teagaisg  a  tha  aig  Pol  anns  an  litir  chum 
nan  Romanach  VIII.  38 — "  Oir  tha  dearbh- 
bheachd  agam  nach  bi  bas  na  beatha,  na 
aingil,  na  uachdranachdan  na  cumhachdan, 
na  nithean  a  tha  lathair  na  nithean  a  tha  ri 
teachd,  na  airde,  na  doimhne,  na  creutair 
sam  bith  eile  comasach  air  sinne  sgaradh  o 
ghradh  Dhe  a  tha  ann  an  losa  Criosd  ar 
Tighearna." 

Agus  feuch  fialaidheachd  is  farsainneachd 
gradh  Chriosd!     Thuirt  e, 

"  An  ti  a  thig  'g  am  ioi>nsaigh-sa  cha  tilg 
mi  air  chor  sam  bith  a  mach  e." 


Anns  a'  Chathair 


THA  iomadh  facal  againn  leis  am  bi  sinn.  a' 
toirt  breith  air  daoine  eile  ;  their  sinn  mu 
dhuine  gur  duine  maith  e,  no  gur  duine  ceart 
e,  no  gur  duine  laghach  e,  no  gur  duine 
diadhaidh  e,  no  gur  duine  naomh  e,  no  gur 
duine  e  aig  a  bheil  gras,  no  air  an  do  shaoth- 
raich  gras,  facail  a  tha  uile  a'  ciallachadh  gu 
bheil  sinn  a'  moladh  an  duine.  Ach  tha 
facail  coltach  ri  teaghlaichean,  a'  dol  sios 
agus  suas  anns  an  t-saoghal,  a'  tuiteam  no 
ag  eirigh  'n  an  seann  aois  seach  mar  bha  iad 
'n  an  oige,  air  chor  agus  nach  urrainn  thu  a 
bhi  cinnteach  cia  dhiubh  a  b'fhearr  le  d' 
choimhearsnach  gu'n  abradh  tu  uime  gur 
duine  laghach  e,  no  gu'n  abradh  tu  gur  duine 
diadhaidh  e.  Tha  daoine  diadhaidh  ann 
nach  'eil  laghach,  agus  daoine  laghach  nach 
'eil  diadhaidh.    Cia  dhiubh  is  fhearr  ? 

Ma  dh'fhaodas  mi  an  coimeas  atharrach- 
adh  dh'eirich  e  do  mhoran  de  na  facail  a 
bhios  sinn  ag  uisneachadh  anns  a'  chubaid 
mar  dh'eirich  do'n  phunnd  Shasunnach, 
nach  fhiach  an  diugh  ach  mu'n  dara  leth  de 
na  b'fhiach  e  an  1914.  Aig  aon  am  cha 
b'urrainn  thu  dad  a  radh  mu  dhuine  na 
b'fhearr  na  gu'm  bu  duine  e  aig  an  robh 
gras,  ach  an  diugh  tha  fichead  rud  eile  a 
b'fhearr  le  a  choimhearsnaich  a  chluinntinn 
mu  dhuine  na  gu'n  do  shaothraich  gras  air ; 
b'fhearr  leo  a  chluinntinn  gu  robh  e  coibhneil 
no  laghach  no  truacanta.  A  bheil  so  a' 
ciallachadh  gur  e  "  gras  "  aon  de  na  facail  a 
tha  air  dol  sios  anns  an  t-saoghal,  air  chor 
agus  ged  tha  a  sheann  luach  aige  fhathast 
ann  an  cluasan  cuid  de  na  bhios  a'  dol  do'n 
eaglais  nach  'eil  ann  do  chuid  eile  ach  rud 
nach  'eil  iad  a'  tuigsinn  no  a'  miannachadh. 


Agus  ma  tha  so  fior,  an  e  comharradh  maith 
no  comharradh  dona  a  tha  ann  1 

Cainnt  taobh  an  teine 

Ged  is  e  coibhneas-graidh  aon  de  na  facail 
as  boidhche  agus  as  blaithe  anns  an  t-Seann 
Tiomnadh,  gu  sonruichte  anns  na  Sailm, 
chan  ann  do  chainnt  a'  BhiobuUl  no  do 
chainnt  na  cubaid  a  bhuineas  na  facail 
"laghach"  agus  "coibhneil";  buinidh  iad 
do  thaobh-an-teine.  Ach  o'n  staid  iosal  sin 
tha  iad  air  eirigh  gu  inbhe  ard  is  urramach 
gus  a  nis  nach  'eil  cliti  as  fhearr  air  fear- 
aideachaidh  no  pearsa-eaglais  fhein  na  gur 
diiine  laghach  agus  duine  coibhneil  e.  Tha 
mi  an  dtiil  gu  bheil  so  a'  ciallachadh  gu 
bheil  daoine  an  diugh  a'  cur  barrachd 
cudthrom  agus  barrachd  meas  air  grasan 
agus  subhailcean  daonna  na  tha  iad  a'  cur  air 
grasan  agus  subhailcean  creidimh  agus  eaglais. 

Tha  aon  fhacal  arm  nach  caraichear  gu 
br^th  as  aite,  am  facal  "  maith,"  oir  tha  e  a' 
fas  mar  tha  sum  fhein  a'  fas,  air  chor  agus 
ged  nach  e  an  fhior  rud  a  tha  e  a'  ciallachadh 
dhuinne  a  bha  e  a'  ciallachadh  d'ar  seanair- 
ean,  chan  'eil  facal  eile  againn  air  son  nan 
daoine  no  nan  nithean  as  fhearr  agus  as 
urramaiche  ach  gu  bheil  iad  "  maith."  Ma 
tha  rud  maith  ciod  an  corr  a  tha  ri  radh  ? 
Their  sinn  Ni-maith  ri  Dia  fhein.  Tha 
facal  eile  ann  nach  caraichear  as  kite  gu 
br^th,  am  facal  "  gradh."  Cha  tig  an  la 
anns  nach  bi  duine  gradhach  no  duine 
gaolach  air  a  chunntas  mar  dhuine  maith. 
'S  e  gr^dh  cridhe  na  Diadhachd  fhein  cho 
maith  ri  cridhe  maitheas  an  duine.  Is 
gradh   Dia,    agus    cha    bhi   neach   air   bith 


ANNS  A'  CHATHAIR 


maith  mar  tha  Criosd  ag  iarraidh  oirnn  a  bhi 
maith  mur  bheil  e  'n  -a  dhuine  gaolach, 
caomhail,  truacanta,  mar  bha  e  fhein.  Is  arm 
air  a  toradh  a  dh'aithnichear  a'  chraobh  ; 
sin.  an  t-aobhar  nach  toir  daoine  breith  air 
duir.e  eile  ged  a  dhea^iadh  e  aidmheil  "  gu 
bheil  gras  aige,"  no  "  gu'n  do  shaothraich 
gras  air,"  no  "  gu  robh  e  air  iompachadh," 
gus  am  faic  iad  a  bheil  e  'n  a  dhuine  maith 
agus  criosdail  'n  a  dhoighean  agus  'n  a  obair. 

Anns  an  Tiomnadh  Nuadh 

Theagamh  gur  e  an  t-aobhar  gu'n  do 
chain  am  facal  so,  "  tha  gras  aige "  an 
t-urram  agus  an  cliu  a  bha  aige  aon  uair, 
nach  'eil  e  air  uisneachadh  ach  gle  annamh 
anns  an  t-seagh  so  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh,  ma  tha  e  air  •  uisneachadh  mar  so 
idir.  Cha  b'ann  ann  an  cainnt  nan  diadh- 
airean  a  bhiodh  Criosd  a'  bruidhian  agus  a' 
teagasg  ach  ann  an  cainnt  taobh-an-teine  ; 
cha  do  bhruidhinn  e  riamh  mu  dhuine  no 
mu  dhaoine  "  aig  an  robh  gras,"  no  air  an  do 
shaothraich  gras.  Cha  d'uisnich  e  am  facal 
"  gras  "  idir.  Buinidh  am  facal  gu  sonruichte 
do  Phol  agus  do  theagasg  Phoil,  a  tha  'g  a 
uisneachadh  mar  is  trice  chan  ann  mu  dhuine 
ach  mu  Dhia,  gradh  agus  coibhneas  agus 
trnacantas  ar  n-Athar  neamhaidh  ann  a  bhi 
toirt  maitheanas  do  pheacaich  agus  a'  cur 
impidh  orra  gabhail  ris  a'  bheatha  shiorruidh 
a  tha  'n  a  Mhac  losa  Criosd. 

Cha  robh  duine  riamh  air  thalamh  a 
dh'ardaich  gras  Dhe  mar  a  dh'ardaich  Pol  e  ; 
o'n  la  anns  an  d'fhoillsich  Dia  e  fein  dha  air 
an  t-sHghe  gu  Damascus  cha  robh  seanchas 
no  soisgeul  eUe  aige  ach  gras  Dhe,  agus  cha 
mho  a  bha  e  eadar-dha-bheachd  ciod  a  bha 
gras  Dhe  a'  ciallachadh.  Cha  bu  tiodhlac 
e  a  choisinn  e  no  thoill  e,  no  air  an  robh  coir 
aige,  no  b'urrainn  dha  a  cheannach,  ach 
fabhar  agus  gean-maith  Dhe  a'  tighinn  a 
mach  as  a  chridhe  uasal  fhein.  Ann  an 
teagasg  agus  ann  an  searmonachadh  Phoil 
tha  gras  Dhe  mar  gu'm  biodh  craobh  mhor 
air  a  bheil  iomadh  meanglan  agus  moran 
mheasan  air  a  h-uile  meanglan,  ach  iad 
uile  a'  tighinn  as  an  aon  stoc.  B'ann  mar 
sin  a  bha  gras  Dhe  ;  air  uairean  bhiodh  e  a' 
bruidhinn  uime  mar  chumhachd  leis  a  bheil 
peacaich  air  an  saoradh  agus  aii'  an  gleidh- 
eadh  o  thuiteam  ;  air  uairean  eile  bhiodh  e 
a'  bruidhinn  uime  mar  thoradh  an  Spioraid 
Naoimh  anns  an  anam  ;  ach  daonnan  bhiodh 


e  a'  dol  air  ais  gu  Dia  mar  an  tobar  as  an 
robh  gras  a'  tighinn  a  mach,  fabhar  is  saor- 
thoil  Dhe,  coibhneas  agus  truacantas  Dhe. 
'N  a  bheatha  fhein  agus  ann  an  eachdraidh 
an  t-saoghail  bha  e  a'  faicinn  iomadh  comh- 
arradh  air  coibhneas  Dhe  do  chloinn- daoine, 
ach  is  ann  ann  an  Criosd,  agus  gu  sonruichte 
'n  a  bhas  agus  'n  a  aiseirigh,  a  chunnaic  e 
dearbhadh  cinnteach  gur  ann  tre  ghras  Dhe 
a  mhain  a  tha  peacaich  air  an  saoradh  agus 
air  an  naomhachadh. 

Uasal  agus  maith 

Tha  gras  Dhe  a'  gabhail  a  steach  gach 
ni  ann  an  nadur  Dhe  a  tha  uasal  agus 
maith ;  a  thruacantas  agus  a  throcair, 
fhaidhidinn  agus  fhad-fhulangas,  agus  an 
gradh  nach  gabh  miichadh  leis  a  bheil 
e  a'  sireadh  pheacach  mar  a  shireas  ciobair 
caoraich  a  tha  air  chall.  Tha  e  a'  gabhail 
a  steach  cuideachd  nam  meadhonan  sin 
'n  a  fhreasdal  tre  am  bheil  daoine  air  an 
toirt  gu  Criosd,  air  an  daingneachadh  ann  an 
creideamh,  agus  air  an  neartachadh  anns  a' 
bheatha  dhiadhaidh.  Is  ann  tre  ghras  Dhe  a 
tha  an  soisgeul  agus  uile  bheannachdan  an 
t-soisgeil  a'  tighinn  gu  daoine  oir  tha  gras 
Dhe  agus  gradh  Dhe  a'  ciallachadh  an  aon 
ni,  gu'n  tug  e  aon-ghin  Mhic  a  chum  gu'm 
biodh  an  saoghal  air  a  shaoradh  trid-san. 

Ma  chaUl  am  facal  "  tha  gras  aige  "  roinn 
de'n  mheas  agus  de'n  iighdarras  a  bha  aige 
aon  uair  is  e  an  t-aobhar  gu  robh  daoine  a' 
deanamh  diomhaireachd  de  nithean  nach 
'eil  'n  an  diomhaireachd  idir,  no  gu  robh  iad 
toUichte  le  foirm  agus  ainm  na  diadhaidh- 
eachd  gun  a  cumhachd  agus  a  toradh.  Chan 
'eil  am  facal  "  criosdail  "  cho  scan  ri  cuid 
de  na  facail  eile  a  bhios  sinn  a'  cleachdadh 
mu  dlaaome  maith,  ach  tha  e  a'  sior  dhol 
suas  arm  am  meas. 

Ach  cha  chaill  gras  Dhe  a  mheas,  no  a 
mhaise,  no  fhirinn,  no  a  phailteas,  no  a 
chumhachd  gu  brath,  oir  buinidh  e  do 
nadur  Dhe,  a  bhiodh  air  fholuch  o  shiiilean 
agus  o  aithne  dhaoine  gu  brath,  mur  bitheadh 
a  run  grasmhor  fein.  "  An  uair  a  dh'fhoillsich- 
eadh  coibhneas  agus  gradh  Dhe  ar  Slanuighear 
do  dhaoine  chan  ann  o  oibre  fireantachd  a  rinn 
sinne,  ach  a  rdir  a  throcair  fein  shaor  e  sinn, 
■chum  gu'm  bitheamaid  air  ar  deanamh  'n  ar 
n-oighreachan  a  rdir  ddchas  na  beatha 
maireannaich." 


Fo  Chraobh  Sheudair 


AN  uair  a  thainig  mi  do'n  tigh  bheag  so  arms 
a  bheil  mi  a  nis  a'  fuireach  b'fheudar  dhomh 
dealachadh  ris  a'  chuid  mhor  d'am  leabh- 


raichean  a  chiorm  nach  robh  aite  agam  anns 
an  cuirinn  iad.  Bha  cuid  mhaith  de  leabh- 
raichean   GaidhHg   'n  am  measg   agus   bha 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


iarraidh  gu  leoir  orra-san,  iarraidh  cho  teth 
's  gu'n  saoileadh  tu  gur  e  biadh  no  uisge 
beatha  a  bha  'ga  reic  anns  a'  mhargadh- 
dhubh.  Ach  cha  robh  meas  idir  air  leabh- 
raichean  nam  feallsanach  no  air  leabhraichean 
nan  diadhairean.  Gheibheadh  tu  Ian  cleibh 
dhiubh  air  leth-chrun,  a'  dearbhadh  gu 
bheil  ginealan  iira  ag  iarraidh  guthan  ura  a 
chluinntinn  'n  an  catnnt  fhein.  Tha  ainm 
agus   cuimhne   dhiadhairean   diombuan. 

Aig  a'  cheart  ^m  ud  bha  mi  a'  leughadh 
leabhair  anns  an  robh  e  air  innseadh  mu 
chruinneachadh  mor  a  bha  ann  an  Lunnainn 
de  dhaoine  a  bha  uile  a'  faotainn  am  beosh- 
laint  as  na  leabhraichean  a  sgriobh  iad.  Bha 
mu  cheud  dhiubh  anns  an  t-seomar-mhor ,  agus 
a  choslas  orra  uile  a  bhi  gu  maith  air  an  doigh. 
Bha  Robertson  NicoU  'na  shuidhe  laimh  ri 
Anna  S.  Swan,  agus  anns  an  t-seanchas  a  bha 
aca  thuirt  e  rithe,  "  Cia  meud  de  na  tha  an  so 
an  nochd  air  am  h\  cuimhne  ceud  bhadhna 
'n  a  dheidh  so  ?  "  Gun  feitheamh  ri  frea- 
gairt,  fhreagair  e  fhein  a'  cheist ;  "  aon 
duine,"  arsa  esan,  "  Tomas  Hardy."  'S 
6  Tim  a  bheir  breith  air  gach  obair  agus 
gach  neach,  agus  am  bitheantas  breith 
chothromach. 


An  Seann  Duine 

An  deidh  dhomh  an  leabhar  a  chur  bhuam 
anns  an  leabaidh  chaidil  mi,  agus  'n  am 
chadal  chunnaic  mi  seann  duine  ard  caol 
'n  a  sheasamh  ri  taobh  na  leapa,  cho  coltach 
ri  Santa  Claus  's  a  chunnaic  mi  riamh  ach 
a  mhain  nach  robh  e  cho  ruiteach  no  cho 
tiugh  ri  Santa  Claus.  Bha  aodann  Ian 
phreasaicliean,  agus  gun  roinneag  fuilt  no 
feusaig  air  ach  badan  beag  fo  smigead. 
Bha  speal  'n  a  laimh  dheis  agus  gloine- 
gainmhich  'n  a  laimh  chli. 

An  uair  a  chunnaic  mi  an  speal,  shaoil 
mi  gur  e  an  duine  a  bhios  a'  gearradh  an 
fheoir  anns  a'  gharradh  agam  a  bha  ann,  agus 
bha  mi  dol  a  radh  ris  gu  robh  e  ro  thrath  an 
uair  a  chuala  mi  guth  an  t-seann  duine,  "  A 
bheil  thu  idir  'g  am  aithneachadh  ?  "  ars 
esan.  "  Chan  'eil,"  thuirt  mi  ris,  "  tha 
mi'n  duU  nach  fhaca  mi  riamh  sibh." 

"  So,  so,"  ars  esan,  "  's  iomadh  uair  a 
bhruidhinn  thu  ri  muinntir  Bhlair  umam-sa, 
ag  iarraidh  orra  a  bhi  curamach  umam,  agus 
ag  aithris  rannan  bardachd  umam  d'an  robh 
mi  seachd  sgith.  Is  mise  TIM,  agus  is  ann  as 
mo  leasraidh  a  tha  na  timeannan  agus  spiorad 
nan  timeannan  a'  tighinn  a  mach,  agus  is  e 
mo  ghnothuch  riutsa  an  nochd  do  thoirt  air 
falbh  leam  chum  's  gu'm  faic  thu  na  nithean 
a  tha  ri  teachd  ann  an  uine  ghearr. 


Teampuill  an  Fhdghluim  Uir 

Chan  'eil  fhios  agam  ciamar  a  thachair 
e  ach  ann  an  leth  mionaid  bha  sinn  ann  am 
baile  mor  nach  fhaca  mi  riamh  roimh,  Ian 
de  thogalaichean  riomhach  agus  uiread  uin- 
neagan  orra  's  gu'n  saoileadh  tu  gu'm  bu 
tighean-gloine  iad  an  uair  a  bhuaileadh  a' 
ghrian  orra.  Chunnt  mi  tri  ar  fhichead 
dhiubh  o'n  ^ite  anns  an  robh  sinn  'n  ar 
seasamh.  "  Sin  agad,"  ars  esan,  "  na  team- 
puill agus  na  h-Oilthighean  a  chuir  mo 
chlann-sa,  na  timeanan  agus  an  spiorad  a 
tha  annta,  suas,  ach  ged  nach  robh  lamh 
agam-sa  annta,  is  mi  a  bheir  breith  orra  an 
uair  a  thig  an  t-am.  "  Cia  fhad,"  thuirt 
mi  ris,  "  a  bhios  gu  crioch  an  ama."  Thog 
e  a  lamh  dheas  agus  a  lamh  chli  gu  neamh, 
agus  mhionnaich  e  airsan  a  tha  beo  gu 
siorruidh,  gu'm  bi  e  gu  aimsir  agus  aimsirean 
agus  leth  aimsir,  agus  an  uair  a  sguireas  iad 
de  sgapadh  feachd  an  t-sluaigh  naoimh 
crioch  naichear  na  nithean  so  uUe. 

"Co  na  creutairean  beaga  a  tha  mi  a' 
faicinn  a'  dol  a  stigh  'n  an  ceudan  do  na 
teampuUl,  agus  iad  a'  ruith  mar  gu'm  biodh 
trilleachain  .air  an  traigh  ?  " 

"  Sin  agad,"  arsa  Tim,  "  na  .  .  .  .  gabh 
mo  lethsgfeul,  theab  mi  sgoilearan  a  radh  riu, 
facal  nach  'eil  a  nis  air  a  cheadachadh  idir — ■ 
sin  agad  na  h-6ganaich  a  tha  an  Staid  ag 
oileanachadh  gu  bhi  'n  an  sar-dhaoine  agus 
'n  an  ceannardan  thairis  air  an  t-sluagh, 
planners  mar  their  iad  riu  ann  an  Sasunn. 
Tha  na  planners  a  nis  na's  urramaiche  na  na 
Morairean  Dearga,  no  Professors,  no  uach- 
darain-fearainn,  no  ministearan  a'  Chriiin, 
a  chionn  gu  bheil  an  da  chuid  iighdarras 
mor  agus  paigheadh  mor  aca.  Aig  aon  am 
bha  daoine  a'  faotainn  'n  an  ceannardan  an 
uair  a  thoisicheadh  daoine  eUe  air  an  lean- 
tuinn  le'n  toil  fhein  a  chionn  gu'm  b'fhiach 
iad  eisdeachd  riu  agus  geUl  a  thoirt  dhaibh, 
ach  bha  an  doigh  sheann  fhasanta  sin  a' 
toirt  cothroini  do'n  leomhainn  nach  robh 
aig  a'  choinean,  agus  a  nis  tha  ealain  ceannar- 
dais  air  a  theagasg  anns  na  teampuill  ura 
do'n  chloinn  anns  a  bheil  full  Dhiotrepheis, 
duine  a  tha  air  ainmeachadh  ann  an  seann 
leabhar  nach  do  leugh  na  planners  riamh. 
'S  e  am  bonn  air  a  bheil  na  planners  air  an 
taghadh  'n  an  oige,  gu  bheil  dotairean  na 
Staide  a'  toirt  fala  asda,  a  dhearbhadh  cia 
dhiubh  a  tha  an  seorsa  fala  a  bha  ann  an 
Diotrephes  annta  no  nach  'eil.  Ged  nach  e 
sgoilean  ach  teampuill  a  theirear  ris  na 
togalaichean  mora  a  tha  thu  a'  faicinn,  chan 
'eU  creideamh  air  a  theagasg  annta  no 
aoradh  air  a  thairgsinn  do  Dhia  ;  oir  shearg 
an  Creideamh  Criosduidh  as  gu  buileach  ach 
a  mhain  ann  an  aitean  iomallach  am  measg 


6 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


sheann  daoine.  Ach  ged  tha  na  b-eaglaisean 
falamh,  is  maith  leis  na  planners  a  chur  mar 
fhiacliaibh  orra  fhein  agus  air  an  t-sluagh  gu 
bheil  an  diithaicJi  cho  diadhaidh  's  a  bha 
i  riamh,  agus  mar  sin  thug  iad  teampull 
mar  ainm  air  sgoil,  a  chionn  gu  bheil  fuaim 
naomh  aig  an  fhacal." 

"  Gu  de  na  nithean  a  tha  air  an  teagasg 
aim  an  curriculum  nan  teampull  ?  "  thuirt 
mi  ris. 

"  Sh  —  Sh  — •,"  arsa  Thn,  "  feuch  nach 
cluinn  na  planners  thu  ag  radh  an  fhacail 
sin  ;  tha  fhios  agad  gur  e  facal  Laidionn  a 
tha  ann,  canain  a  tha  air  a  toirmeasg  anns  na 
teampuill.  Tha  Greigis  air  a  toirmeasg 
cuideachd  agus  Logic  agus  Bardachd  ;  Laid- 
ionn agus  Greigis  a  chionn  gu  bheil  iad 
duilich  an  ionnsachadh,  agus  nach  robh 
anns  na  daoine  a  bha  'g  an  labhairt  ach 
daoine  leanabail  do  nach  b'aithne  an  saoghal. 
Gu  de  'n  t-eolas  a  bha  aig  Homer  air  coupons, 
no  aig  Plato  air  tractors  ?  " 

Logic  agus  Science 

"  Chan  'eil  ionghnadh  orm  nach  biodh 
gaol  aig  planners  air  Laidionn  agus  Greigis, 
ma's  e  an  seorsa  dhaoine  a  tha  annta  a 
bhios  Sanbalat  agus  Tobiah  agus  Gesem  ag 
radh,  ach  ciod  air  an  t-saoghal  a  tha  aca  an 
aghaidh  Logic  a  bhi  air  a  teagasg  anns  na 
team.puLll  V  ' 

"  Cha  robh  dad  aca  'n  a  aghaidh  an 
toiseach,"  fhreagair  Spiorad  nan  timeannan, 
"  ach  thug  iad  an  aire  nach  robh  Logic  agus 
Cluich  air  an  robh  iad  anabarrach  gaolach 
a'  freagairt  air  a  cheile  idir,  cluich  a  bhios 
aca  ri  cheile  o  sheomar  gu  seomar  ann  an 
seomraichean-gnothuich  a'  Ghovernment  le 
peansail  rahora  ghorm,  cluich  ris  an  abair 
iad  fhein, ' '  cluich  an  tuill  agus  na  cnaige ;  "a' 
cheud  fhear  a'  deanamh  tholl  ann  am  plan 
an  fhir  eile,  agus  an  ath  fhear  a'  cur  chnagan 
anns  na  tuill  sin,  agus  mar  sin  o  sheomar  gn 
S36mar,  gus  mo  dheireadh,  an  uair  a  ruigeas 
e  an  t-ard  phlanner,  nach  bi  fhios  aige  air 
uairean  cia  dhiubh  a  tha  air  a  bheulaibh  bord 
dambrod,  no  paipear  o  Bhord  a'  ghuail. 
Tiiug  so  orra  riaghaUt  ur  a  dheanamh  nach 
robh  Logic  ri  bhi  air  a  teagasg  anns  na 
teampuill." 

"  Shaoilinn,"  thuirt  mi  ris,  "  gu'm  biodh 
Logic  gle  fheumail  do  cheannardan  agus  do 
phlanner s ;  's  e  mo  chuimhne-sa  air  a 
bheagan  dhi  a  dh'ionnsaich  mi  'n  am  oige 
gu'n  do  theagaisg  i  dhuinn  na  tri  nithean  so, 

(1)  an  aire  a  thoirt  air  ar  gnothuch  fhein, 

(2)  a  h-uile  rud  a  sgriobhamaid  a  dheanamh 
cho  soilleir  's  nach  biodh  feum  aig  duine 
air   bith   a    leughadh  e  air    peansal    gorm. 


agus  (3)  srian  agus  smachd  a  chur  air  ar 
smuaintean  agus  air  ar  briathran  fhein 
an  aite  a  bhi  a'  smachdachadh  agus  a' 
ciobaireachd  dhaoine  eile." 

Ach  cha  do  leig  Tim  air  gu'n  cual  e  mi ; 
"  anns  na  teampuill  agus  anns  na  h-oilthigh- 
ean  a  tha  thu  a'  faicinn,"  ars  esan,  "  tha 
meas  aig  na  h-6ganaich  a  tha  dol  a  bhi  'n 
am  planners  air  Science  nach  'eil  aca  air 
meur  air  bith  eile  de'n  Eolas,  agus  tha 
Science  a  nis  air  a  theagasg  cho  coimhhonta 
anns  na  h-Oilthighean  's  gu  bheU  Professor 
annta  air  son  gach  cnaimh  'n  ad  chorp  agus 
gach  dill  d'ad  mhionach,  agus  Professor  air 
son  gach  cuibheal  is  cnag  is  udalan  a  tha  ann 
an  engine.  A  thuUleadh  air  sin  tha  na  h- 
oganaich  air  an  teagasg  le  ard-sgoUearan  ann 
an  psychology,  economics,  propaganda,  agus 
anns  an  doigh-beatha  a  tha  aig  na  seilleanan 
anns  an  sgeap." 

Bha  amharus  aige 

Cha  d 'thuirt  mise  diog,  ach  air  dha  fhein 
a  bhi  greis  'n  a  thosd,  sheall  e  orm  gu  dtir 
is  thuirt  e  rium,  "  Tha  mi  a'  faicinn  rudeigin 
air  t'aodann  agus  'n  ad  shtiilean  mar  gu'm 
biodh  michreideamh  ;  an  e  nach  'eil  thu  a' 
creidsinn  ann  an  science  ?  " 

"  Chan  e,  chan  e,"  thuirt  mi  ris  gu  luath, 
"  cha  bu  mhaith  leam  dad  cearr  a  radh  mu 
bhan-dia  a  thug  dhomh  uiread  de  chomh- 
fhurtachdan  na  feola,  ach  air  uairean  bidh 
e  a'  tighinn  'n  am  inntinn  gu'n  d'fhuair  mi 
barrachd  sonais  agus  solais  'n  am  bheatha 
o  nithean  eile  na  fhuair  mi  riamh  o'n  bhotul 
theth,  no  o'n  t-solus  gheal,  no  o  ghin  eile 
de  na  goireasan  a  thug  Science  dhorah.  Neo- 
ar-thaing  nach  d'fhoUlsich  Science  dhuinn 
iomadh  rud  diomhair  nach  b'aithne  d'ar  n- 
aithrichean,  nithean  as  fheairrd  sinn  eolas 
a  bhi  againn  orra,  ach  chan  e  mhain  nach 
d'fhoillsich  i  dhuinn  an  t-aon  eolas  a  tha 
mac  an  duine  a'  sireadh  o  bhreith  gu  bhas 
ach  tha  i  ag  radh  nach  e  a  gnothuch-se 
sin  a  dheanamh.  Ma  dh'fhoighnicheas  tu 
de'n  bhan-dia  so,  Ciod  i  crioch  ^raidh  an 
duiae  ?  no  ciod  is  ciall  do'n  chruthachadh  ?, 
cha  dean  i  ach  a  ceann  a  chrathadh." 

Thug  mi  an  aire  gu  robh  a'  ghainmheach 
anns  a'  ghloinne-uarach  air  ruith  gu  maith 
iosal,  agus  air  eagal  gu'm  falbhadh  e  ann 
an  cabhaig  dh'  fhoighnich  mi  dheth  car  son 
a  bha  na  planners  agus  riaghlairean  nan 
teampull  a'  toirmeasg  bardachd. 

"  Tha,"  arsa  Tim,  "  a  chionn  gu  bheil  iad 
ag  r^h  nach  'eil  ann  am  baird  ach 
lunndairean  agus  spivs  a  tha  a'  faotainn 
coupons  gun  obair  a  dheanamh,  no  dad  a  chur 
ri  biadh  na  rioghachd." 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


"  Tha  e  a'  cur  iongantais  orm,"  thuirt  mi 
ris,  "  gu'n  abradh  sibh.  aon  fhacal  taireil  mu 
bh^ird  no  mu  bhardachd,  oir  tka  e  air  a 
radh  ann  an  seann  leabhar  a  bhios  mise 
a'  leughadh  gu  maith  trie,  "  Anns  na  h- 
aosda  tha  gliocas,  agus  ann  am  fad  laithean 
tuigse." 

"  Thog  thu  cearr  mi,"  fhreagair  Tim, 
"  cha  mhise  a  tha  a'  deanamh  tair  air  na 
baird  ach  mo  chlann,  na  timeannan  a 
thainig  a  mach  as  mo  ieasraidh,  ach  chan 
ann  aca-san  a  bhios  am  facal  mu  dheireadh 
ach  agam-sa ;  bheir  mise  breith  orra-san 
an  uair  a  thig  a  t-am,  agus  a  chi  mi  ciod  a' 
chrioch  a  bhios  aig  na  nithean  so." 

Fear  a'  chinn  mhoir 

Mu'n  robh  am  facal  mu  dheireadh  a  mach 
as  a  bheul  bha  duineachan  beag  air  an  robh 
ceann  mor  'n  a  sheasamh  ri  thaobh.  "Sin 
agad,"  arsa  Tim,  am  planner  a  tha  ri  bhi 
OS  cionn  na  diithcha  agus  nan  daoine  d'am 
buin  thusa  ;  bu  mhaith  leam  eolas  a  bhi 
agaibh  air  a  cheile." 


Rinn  mi  mo  bheic  do'n  duine  gu  siobhalta, 
agus  thoisich  e  air  innseadh  dhomh  mu  chuid 
de  na  h-innleachdan  a  bha  aige  a  leasachadh 
cor  na  Gaidhealtachd,  ach  an  uair  a  fhuair 
mi  cothrom  thuirt  mi  ris,  "  An  abradh  tu 
gur  e  spiv  a  bha  ann  an  Domichadh  Ban  ?  " 

Ciod  eile  a  bha  ann  ach  spiv,"'  ars  esan, 
"  duine  a  bhiodh  a'  deanamh  oran,  ag 
aoireadh  thaillearan  (a  bhios  ag  obair)  agus 
a'  moladh  shealgairean  agus  shaighdearan 
(a  bhios  diomhairi),  agus  a'  cur  seachad 
uine  a'  seinn  mu  bheul  agus  mu  fhalt  agus 
mu  ghruaidhean  agus  mu  chiochan  bhoirean- 
nach  ;  duine  nach  robh  dad  air  aire  ach 
feidh  agus  sealgaireachd,  bardachd  agus 
siubhal  shleibhtean." 

Dhuisg  mi  as  mo  chadal  leis  an  fheirg  a 
chuir  briathran  toibheumach  an  duine  orm. 
An  uair  a  dhuisg  mi  bha  aodach  na  leapa  air 
tuiteam  air  an  iirlar  agus  mo  chasan  ruisgte 
cho  fuar  ri  bota  sneachd,  ach  bha  mi  toilichte 
gu'n  deachaidh  fear  a'  chinn  mhoir  as  mo 
sheaUadh. 


An  Abhainn 


Leis  an    Urr.   Galum  Bothchanan,  M.A.,  Marnoc 


TRI  bliadhna  air  ais  rinn  am  Freasdal  tre 
ghairm  coimhthionail  dachaidh  a  thoirt 
dhomh  a  tha  dliith  do'n  Abhaimi.  B'eolach 
riamh  mi  air  uisge  ;  air  loin  is  lochan,  air 
uillt  is  sruthain,  air  muir  traigh  is  muir  Ian, 
is  air  caiu'an  a'  chuain  ri  creig  is  air  cladach 
Ach  cha  robh  eolas  sam  bith  agam  air  sruth 
cas  aibhnp  moire.  Mar  sin  cha  robh  cairdeas 
no  daimh  no  dualas  sam  bith  eadaraion 
'nuair  a  thuit  sinn  mar  so  air  a  cheile.  Bha 
deireadh  an  fhogharaidh  ud  flinch,  fliuch  ; 
bha  an  geamhradh  ceothach,  gruamach, 
diibh  laidh,  agus  bha  bulge  na  h-aibhne  is 
nan  speur  a'  lionadh  a'  ghlinne  so.  'Nuair 
a  bhiodh  burn  trom  ann  's  a  thuiteadh 
tuil  air  na  beannaibh  bhiodh  an  abhainn  'na 
leum  is  'na  beisd,  a'  goil  's  ag  onfhadh,  's 
a'  ruith  sios  seachad  mar  chreutair  air  bhoUe, 
is  dath  odhar  a'  phuill  air  a  gnuis.  Mo 
thruaighe  air  an  glacadh  an  sruth  ud  greim. 
Bha  seorsa  de  eagal  orm  dol  ro  dhluth  oirre, 
ach  's  ann  a  bha  mo  mhallachd  buileach 
oirre  tre'n  oidhche.  Co  a  dh'fhaodadh 
cadal  fhaotainn  's  a'  bhuirich  aice  ri  toll 
a  chluaise.  Eadhon  ri  am  reothaidh  is 
bodach  na  gealaich  a'  seoladh  gu  seimh  's 
na  h-ardaibh  is  gun  ghruaim  idir  air  aodann, 
bhiodh  toit  gheal  mar  a  thig  a  srupa  coire 
tea  ail"  cagailte  a'  comhdach  leud  na  h- 
aibhne. 


Teachd  an  Earraich 

Ach  mar  a  thachras  do  na  h-uile  ni  a  tha 
timeil  is  aimsireil  theich  na  sgothan  grugach, 
thainig  sineadh  's  an  latha  agus  thoisich 
blathas  crion  lom  an  earraich  a'  deanamh 
dusgaidh  air  feur  agus  air  lus.  Bha  dath 
iir  ri  aithneachadh  an  sluic  's  am  bruthaich. 
Air  feasgar  balbh  socair  is  gun  dad  eile 
eisiomaUeach  agam  r'a  dheanamh  chuir  mi 
orm  mo  bhotanan  glu  is  chaidh  mi  cuairt  ri 
oir  nan  uisgeachan.  A  dhuine,  sin  far  na 
thachair  orm  sealladh  a  thug  tlachd  do  m' 
chridhe.  Bha  an  t-earrach  air  moch-eirigh 
a  dheanamh  an  so.  Bha  na  bruthaichean 
ud  'n  an  aori  bhlar  le  sobhrach  bhuidhe  ; 
bha  brog  na  cuthaige  'n  a  blath  's  na 
cosaibh,  is  bha  de  lusan  gorma  so  na  bheir- 
eadh  bias  an  t-samhraidh  air  im  na  ba  brice  ! 
Riamh  o'n  latha  ud  tha  daimh  is  eadhon  gaol 
agam  ris  an  aite  ud.  Tha  mi  fhein  is  mo 
choimhearsnach  air  cordadh  dltith  a  dhean- 
amh agus  a  nis  is  annamh  latha  nach  'eil 
mo  shiiil  thuice  uaireigin.  Oir  ged  a  theid 
i  'n  a  ciiis-eagail  's  ann  an  uair  a  theid  a 
brosnachadh  ;  's  maith  is  aithne  dhith  a 
bhi  caomh.  laghach  is  faite  gaire  an  sud  's 
an  so  air  a  h-aodann.  Fad  an  earraich  's 
an  t-samhraidh  tha  a  bruaichean  mar 
bhruaichean  abhainn  Phisoin  an  Eden. 
Far  am  bheil  fasgadh  is  fliuchadh  is  blathas 


AN  ABHAINN 


de  cho  fasail,  siolmhor,  torrach  an  talamh  ! 
Tha  fichead  flur  an  so  is  aithne  dhomh,' 
is  ceud  air  nach  urrainn  mi  ainm  no  sloin- 
neadh  a  thoirt.  'S  an  fhogharadh.  tha 
dearcan  de  gach  seorsa  r'am  faotainn  air 
dris  is  preas.  'N  a  gharadh-fasgaidh  mu'n 
cnairt  tha  droigheann  is  caorunn  is  seileach, 
ninnsean  is  leamhan.  Aite  tlachd-mhor  da 
rireamh  far  an  eirich  smuaintean  caomhail, 
cairdeil  'n  ad  chridhe  is  ceol  na  h-aibhne 
daonnan  maille  riut.  Aite  nam  beannachd ! 
's  iomadh  smuain  air  son  seirbhis  na  Sabaid 
a  chuir  e  'n  am  rathad.  Nach  'eil  a  Ghuth 
mar  fhtiaim  mhoran  uisgeachan. 

Na  h-ealachan 

'S  iomadh  beo  a  tha  faotainn  beathachaidh 
tre  m'  Abhainn-sa,  oir  ged  a  tha  i  iomadh 
fichead  mile  air  fad  tha  mise  a'  gabhail  mo 
choir  air  mo  chnid  dhith.  Tha  ennlaith  an 
adhair  a  cheart  cho  lionmhor  is  cho  eadar- 
dhealaichte  ri  hisan  a  bruachan.  De  a 
liughaid  seorsa  eoin  a  tha  ri  fhaicinn  an  so. 
'N  an  am,  thig  iad  'n  an  sgaothan  as  gach 
cearnaidh.  An  de  fhein  thug  mi  cairteal 
na  h-uarach  a'  coimhead  seachd  ealachan, 
gun  iad  ach  fichead  slat  nam  is  gun  dad 
a  dh'fhios  aca  gu'n  robh  mi  am  fagus.  Bu 
bhoidheach  an  sealladh  iad,  te  an  deidh  te, 
geal  mar  chanach  an  t-sleibhe,  "  sgiamhach 
mar  bhean  bainnse  air  a  sgeadachadh  fa 
chomhair  a  fir."  Cho  aotram,  guanach, 
loinneil,  's  a  shnamhas  iad  ;  sinidh  iad  an 
amhaichean  cho  fada,  direach  ri  bata  ciobair  ; 
is  liibaidh  iad.  i  cho  crom  ri  cromadh  mo 
sheanmhar  's  i  a'  tomhas  na  plangaid.  Tha 
eoin  mhara  is  eoin  thire  r'am  faicinn  gu 
trie  ;  trileachan  a'  chladaich,  guUbneach  a' 
ghuib  fhada,  fidhleir  bord  an  locha,  crann- 
lach,  is  cearc-locha,  is  lachain  bheaga  is 
mhora,  is  de  gach  seorsa.  Am  faca  duine 
riamh  dad  cho  aighearach  ri  tunnag  fhiadh- 
aich  is  dusan  no  tri  deug  de  h-al  air  a  sail 
Cho  snasail  's  a  dh'fhalbhas  iad,  an  sgiath- 
alaich  's  a'  phlumadaich  's  an  dol  a  mach  a 
ni  an  tunnag  'nuair  a  chi  i  cunnart ;  cho 
aithghearr  's  a  theid  na  rudan  beaga  as  an  t- 
sealladh.  Is  iongantach  gliocas  a'  chreutair, 
CO  dhiu  air  son  an  t-al  a  dhion. 

Is  lionmhor  a'  bheatha  a  tha  timchioll 
na  h-aibhne  so.  Tha  facal  an  fhaidh  Eseciel 
fior  mu'n  linne  so  "  Mairidh  gach  ni  beo 
far  an  tig  an  abhainn'" 


Sdlas  an  iasgair 

Ach  ma  tha  beo  os  cionn  an  uisge,  tha 
beo  is  beatha  cuideachd,  gu  h-iosal.  Tha 
iasg  anns  an  abhainn — dubh-breac  is  easgann, 
banag  is  bradan,  agus  am  fear  cuUbheartach 
ud  nach  buineadh  a  sheann-sinnsire  idir 
do'n  uisge  is  nach  iasg  fathasd — a'  bhiasd- 
dubh,  dobhran  nan  earn.  Ann  an  anmoch 
an  t-samhraidh  'nuair  nach  bi  an  eubha  orm 
taobh  eile  's  miann  leam  a  bhi  le  slait  aig 
oir  na  h-aibhne.  Leis  an  aineolas  tha  mi 
call  moran  a  bharrachd  air  na  tha  tighinn 
a  chum  an  tighe.  Abraidh  iad  gur  e  sud 
seanchas  a  h-uile  iasgair.  Ach  chan  'eil 
sin  gu  difir.  Tha  mo  thlachd  's  mo  sholas 
an  so  is  chan  'eil  a  dh'eagal  air  an  te  a  tha 
eomhla  rium  'nuair  a  bhios  mi  fada  gun 
tighinn  ach  gur  ann  air  tuiteam  do'n  abhainn 
a  tha  mi  fhein.  A  leughadair,  am  bheil 
dad  idir  a  thainig  'n  ad  rathad  n'as  solasaiche 
is  n'as  tlachdmhoire  na  slata  chrom  'n  a 
do  dhorn,  driamlach  teann,  roth  na  cuibhle 
a'  dol  mu'n  cuatrt  le  sgread,  is  bradan  dhusan 
puhnd  le  d'  dhubhan  'n  a  pheirceall ! 

Bha  seann  seoladair  ann  roimhe,  is  chuir 
e  gruaim  air  so  a  leughadh  's  an  Fhirian, 
"  Cha  robh  fairge  ann  n'as  mo."  Tuigidh 
mise  agus  sibhse  fhir-deasachaidh  na  duilleig 
so,  agus  iadsan  uile  do'n  aithne  gaol  na  mara 
car  son  a  bha  gruaim  air. 

Tha  Dia  'n  a  meadhon 

Ach  an  Abhainn !  cho  trie  's  a  thachras 
ise  ort  eadar  da  bhord  an  Leabhair,  agus 
cho  saoibhir  le  biadh  is  deoch  's  a  tha  i, 
smaointich  air  an  liughaid  aite  's  an  Sgriob- 
tur  anns  am  beil  an  abhainn  air  a  h- 
ainmeachadh.  'S  maith  an  cur  seachad 
dhuit  e  air  feasgar  Sabaid,  agus  bithidh 
do  shith  mar  abhainn.  Na  dean  dearmad 
air  na  dha  so  co  dhiu.  "  Agus  dh'fheuch 
e  dhomh  abhainn  fhior-ghlan  de  uisge 
na  beatha,  a'  teachd  a  mach  a  righ-chaithir 
Dhe,  agus  an  Uain.  Agus  air  gach  taobh 
de'n  abhainn,  bha  craobh  na  beatha,  agus 
bha  duiUeach  na  craoibhe  chum  leigheas 
nan  cinneach."     So  agad  am  fear  eUe — ■ 

'Ta  abhainn  ann,  le  sruthaibh  seimh 

ni  caithir  Dhe  ro-ait 
Fior  aite  naomh  an  ti  as  aird  ; 

am  beil  sior-chomhnuidh  aig'. 
Tha  Dia  'n  a  meadhon  innte  stigh  ; 

mar  sin  cha  ghluaisear  i ; 
Oir  cuideachadh  is  comhnadh  leath' 

's  e  Dia  gu  moch  a  ni.' 


Aireamh  6 


1948 


Fialaidheachd  agus  farsuingeachd 

Tha  an  spiorad  agus  a'  bhean-nuadh  phdsda  ag  radh,  Thig.  Agus  abradh 
an  U  a  chluinneas,  Thig.  Agus  an  neach  air  am  bheil  tart,  thigeadh  e. 
Agus  ge  b'e  leis  an  aill,  gabhadh  e  uisge  na  beatha  gu  saor. —  Taisbeanadh  xxii.  17. 


SIN  da  fhacal  nach.  bu  choir  dhuinn  a 
dhichuimhneachadh  an  uair  a  bhios  sinn  a' 
smuaineachadh  air  Dia,  fialaidheachd  agus 
farsuingeachd  a  mhaitheis  agus  a  ghrais. 
Chan  'eil  cumhannachd  no  spiocaireachd 
ann  an  Dia,  ach  uaisle  gun  cheann  gun 
chrioch.  Tha  farsuingeachd  a  throcair  mar 
fharsuingeachd  a'  chuain. 

Bha  facal  aig  daoine  coire  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  an  uair  a  bhiodh  an  t-aoigh  no  an 
coigreach  a'  fagail  beannachd  aca  aig  an 
dorus,  "  B'fhearr  leinn  thu  bhi  a'  tighian  na 
bhi  a'  falbh."  Tha  am  facal  "  tighinn  "  na's 
blaithe  na  "  falbh,"  agus  a  chionn  gu  bheil, 
dh'fhaodadh  tu  bhi  cinnteach  gu'n  tachair 
e  ort  na's  trice  anns  a'  BhiobuU.  Anns  a' 
BhiobuU  Bheurla  tha  na  facail  "  thig,"  no 
"  a'  tighinn  "  no  "  thainig  "  air  an  uisneach- 
adh  suas  ri  ceithir  mile  uak.  Facal  blath 
agus  caipdeil  air  bilean  neach  air  bith,  ach 
na's  blaithe  air  bilean  an  t-Slanuigheir  an 
uair  a  thubhairt  e,  "  Thigibh  a  m'ionnsuidh- 
sa,  sibhse  uile  a  tha  ri  saothair,  agus  fo 
throm  uallaich,  agus  bheir  mise  suaimhneas 
dhuibh. 

Cuireadh  an  t-soisgeil 

Thoisich  cuireadh  agus  geaUaidhean  an 
t-soisgeU  fada  fada  roimh  latha  Chriosd  ged 
is  ann  ann  an  Criosd  a  tha  iad  air  an  coimh- 
lionadh  agus  air  an  daingneachadh.  Tha 
Criosd  anns  an  t-Seann  Tiomnadh  cho  cinn- 
teach 's  a  tha  e  anns  an  Tiomnadh  Nuadh, 
oir  is  e  Criosd  Facal  Dhe  a  bha  ann  o  shior- 
ruidheachd,  air  a  labhairt  ris  na  h-aithrichean 
leis  na  Faidhean  agus  daoine  naomh  eile, 
agus  air  a  labhairt  na  bu  shoUleire  anns  na 
laithean  deiceamiach  so  anns  an  fhoiUseach- 
adh  a  bha  air  a  dheanamh  air  Dia  ann  an 
Criosd,  foillseachadh  air  nadur  agus  ruintean 
Dhe  a  tha  toirt  dearbhachd  do  pheacaich 
nach  d'fhag  Dia  iad  gun  chobhair  no  gun 
dochas  ach  gu'n  do  rinn  e  air  an  son  gniomh 
is  obair  nach  b'  urrainn  dhaibh  a  dheanamh 
air  an  son  fhein, 

Gred  bha  na  h-Iudhaich  gu  nadurra  'n  an 
daoine  eumhann,  agus  a  bu  mhaith  leo  gach 
sluagh  is  crnneach  eile  a  bhi  air  an  diinadh 


•  a  mach  o  na  sochairean  agus  na  geaUaidhean 
a  thug  Dia  dhaibh  fein,  tha  guthan  anns  an 
t-Seann  Tiomnadh  o  thiis  a'  cronachadh  na 
cumhannachd  sin  agus  a'  deanamh  beatha 
nan  uUe  do  chomh-fhlaitheachd  Dhe.  Mar 
gu'm  biodh  abhainn  mhor  air  a'  cumail  'n  a 
leabaidh  le  bruachan  arda  gus  an  d'eirich  an 
tuil,  agus  an  do  bhris  i  na  bruachan,  agus 
an  do  bhruchd  an  t-uisge  thairis  air  na  h- 
achaidhean  air  gach  taobh,  mar  sin  tha  gras 
Dhe  air  fhoillseachadh  anns  a'  BhiobuU,  an 
toiseach  mar  ghairm  do  aon  sluagh  taghta 
ach  fuaim  an  t-soisgeil  a'  fas  na  bu  laidire 
agus  na  bu  shoilleire  mar  bu  dluithe  a  bha 
Criosd  a'  teachd,  gus  mu  dheireadh  nach  'eil 
rud  air  bith  a'  seasamh  eadar  Dia  agus  peac- 
aich  ach  a  mhain  am  michreideamh  fhein  agus 
an  droch  thoU  fhein. 

Ma  tha  duine  air  bith  anns  an  t-saoghal 
cho  aingidh  agus  cho  mallaichte  's  gu'm 
faodadh  tu  a  radh  uime  gur  e  duine  as  miosa 
air  thalamh,  tha  an  duine  sin  priseil  do 
Dhia  agus  air  a  ghabhail  a  steach  ann  an 
cuireadh  an  t-soisgeil, 

Tha  an  Spiorad  Naomh  a'  stri  ris 

Tha  facal  Dhe  'g  a  ghairm 

Tha  an  eaglais  'g  a  tharruing  le  meadhonan- 

grais 
-Tha  an  tart  a  tha  'n  a  anam  fMin  'g  a 

tharruing 
Ge  b'e  neach  leis  an  aill,  gabhadh  e  tiodhlac 

Dhe. 

Nach  'eil  sin  farsuing  agus  fialaidh  gu 
leoir !  Tha  an  tiodhlac  saor,  gun  airgiod 
agus  luach.  0,  dhuine  tha  thu  gun  lethsgeul 
agad. 

Cha  robh  ann  an  Eoin  ach  iasgair,  ach 
rirm  companas  Chriosd  caraid  do  Dhia  dheth 
agus  f  aidh,  agus  chan  e  mhain  f  aidh  ach  bard, 
air  chor  agus  gu'm  b'aithne  dha  bruidhinn 
mu  nithean  spioradaU  ann  an  cainnt  uasal 
agus  le  samhlaidhean  maiseach.  Uisge  na 
beatha !  Ciod  an  tiodhlac  a  b'fhearr  do 
neach  a  bha  a'  basaohadh  le  tart  na  deoch 


uisge 


Na'm    b'aithne    dhuit    tiodhlac 


FIALAIDHEACHD    AGUS    FARSUINGEACHD 


Dhe,  dji'iarradh  tu  air-san  agus  bheireadh  e 
uisge  bed  dhuit,"  agus  is  e  coraharradh  an 
uisge  bheo  gu'n  riaraich  agus  gu'n  uraich  e 
an  neach  a  dh'olas  e,  agus  nach  bi  tart  gu 
bfath  aif . 

Tha  a  dheoch  f  hein  aig  Satan  'g  a  thairgsinn 
do  dhaoine,  ach  ma  dh'olas  iad  i  fagaidh  i 
droch  bhlas  'n  am  beiil.  Tha  fichead  rud 
leis  am  bi  daoine  a'  feuchainn  ri  tart  an 
anma  a  shasuchadh  ach  gus  am  faigh  iad  an 
t-uisge  beo  so  o  Dhia  bidh  iad  coltach  ris 
an  fhear  mu'm  bheil  Isaiah  ag  radh,  "  duine 
tartmhor  a  chunnaic  aisling,  agus  feuch, 
bha  e  ag  61,  ach  air  diisgadh  dha,  bha  e 
fann  agus  anam  a'  miannachadh." 

Toil  an  duine 

Ach  ged  tha  soisgeul  Chriosd  agus  gairm 
Dhe  farsuing  tha  aon  ni  as  urrainn  bacadh 
a  chur  orra,  toil  an  duine.  Tha  an  saor 
thoU  fhein  a'  cur  dhaoine  trie  gu  leoir  a  dh' 
ifreann  ach  ann  an  sealladh  a'  Chruitheir  is 
fhearr  gu'n  rachadh  moran  a  dhith  na  gu'n 
cailleadh  mac  an  duine  saorsa  a  thoile.  Mar 
sin  thug  e  dha  cumhachd  leis  am  faod  e 
a  ruintean  grasmhor  fhein  a  chur  an  suar- 
achas  agus  cuireadh  an  t-soisgeil  a  dhiiiltadh. 
Thainig  Criosd  do'n  t-saoghal  a  bheannachadh 
a  bhraithrean  ach  ghuidh  cuid  dhiubh  air, 
"  imeachd  a  mach  as  an  criochan."  "  Chan 
aill  leibh  teachd  a'm  ionnsuidh-sa  chum 
gu'm  faigheadh  sibh  beatha." 

Ciod  e  creideamh  ?  Ciod  a  tha  sinn  a' 
ciallachadh  le  bhi  a'  toirt  geill  do  chuireadh 
an  t-soisgeil  ?  Tha  so,  Dia  a  ghabhail  aig 
fhacal.  Tha  cuimhne  agad  gu  bheil  Pol  ag 
radh  gu  robh  e  air  a  mheas  do  Abraham  mar 
fhireantachd  gu'n  do  chreid  e  Dia.     Sin  a' 


cheud  cheum,  facal  Dhe  a  chreidsinn,  oir 
gun  am  facal  sin  chan  'eil  soisgeul  ann ; 
no  an  t-eolas  as  lugha  againn  air  Dia,  air  a 
nadur,  no  air  a  thoU,  no  air  a  riiintean. 

Tha  a'  chuid  mhor  de'n  bhochdainn  agus 
de'n  anfhannachd  a  tha  anns  an  eaglais  an 
diugh  ag  eirigh  o'n  aobhar  so,  nach  'eil 
daoine  a'  creidsinn  'n  an  cridheachan  gur  e 
guth  agus  facal  Dhe  a  tha  sinn  a'  cluinntinn 
anns  a'  Bhiobull.  Co  eUe  ach  Dia  a  b'urrainn 
cuiridhean  agus  geallaidhean  an  t-soisgeil 
a  dheanamh  cho  fialaidh  agus  cho  farsuing 
agus  cho  saor  ?  Is  righ  Dia,  uasal  'n  a  uile 
ghniomharan  agus  rioghail  'n  a  uile  shligh- 
ean  ;  an  uair  a  mhaitheas  e  tha  e  a'  maith- 
eadh  gu  paUt ;  an  uair  a  bheir  e  tiodhlac 
grais  dhuit  bheir  e  dhuit  e  gu  saor  ;  an  uair 
a  bheannaicheas  e  beannaichidh  e  gu  saoibhir, 
a'  lionadJi  do  chupain  gus  an  cuir  e  thairis. 

Tha  iomadh  bliadhna  eadar  an  da  facal  so 
ann  an  tim,  facal  Isaiah,  "  Thigibh  a  nis," 
deir  an  Tighearna,  "  ged  robh  'ur  peacaidh- 
ean  mar  an  sgarlaid  bidh  iad  geal  mar  an 
sneachd,"  agus  facal  Eoin  anns  a'  chaibideal 
mu  dheireadh  de'n  Bhiobull,  "  Ge  b'e  neach 
leis  an  aill  gabhadh  e  uisge  na  beatha  gu 
saor,"  ach  is  e  an  aon  ghuth  a  tha  annta, 
guth  an  Ti  a  tha  a'  labhairt  ruinn  an  diugh 
fhathast,  agus  ag  radh,  "  Dearbhaibh  mi 
nis,"  tha  Tighearna  nan  sluagh  ag  radh, 
"  mur  fosgail  mi  dhuibh  uinneagan  nan 
nearmh  a  dhortadh  a  mach  beannachd  oirbh, 
gus  nach  bi  aite  ann  'ga  chumaU !  " 

Cd  is  Dia  ann  cosmhuil  riutsa,  a  mhaitheas 
aingidheachd  agus  a  ghabhas  seachad  air 
easaontas  iarmaid  do  shluaigh,  a  chionn  gur 
toigh  leat  trdcair  ?  A'  bheil  thu  'g  a  chreidsinn 
sin? 


As  "  Cbmhradh  Ltitair  aig  a'  bh6rd  " 

Leis  an    Urramach  Calum  Mac  Gilleathain,  M.A.,   Conan 


AN  uair  a  sgriobh  sibh  mu  Mhaois  agus  an 
larach  a  rinn  e  an  eachdraidh  a'  chinneadh- 
daonna  thug  sibh  Lutar  a  steach  orm ! 
Chan  'eil  teagamh  nach  do  rinn  Liitar,  mar 
fhear,  cumadh  ur  a  chur  air  an  t-saoghal 
Eorpach,  gu  h-araid  air  an  t-saoghal  thuath- 
Eorpach  agus  air  an  t-saoghal  iar-Eorpach. 
An  uair  a  bhios  daoine,  an  diugh,  a'  tighinn 
air  '  an  t-Sibhealtachd  larach '  tha  iad  a' 
tighinn  air  ni  a  bha  air  tus  Greugach  is 
Romanach  agus  a  thainig  fo  bhratach  na 
Criosdalachd,  ach  ni,  mar  an  ceudna  a  thainig 
fo  chaochladh  cumaidh  ri  linn  ath-leasachadh 
araid  a  thainig  air  dara  leth  na  h-E6rpa  aig 
aimsir  Ltitair.     Gun  teagamh,  cha  b'e  Lutar 


'na  aonar  a  bu  mhathair-aobhair  air  sin. 
B'fhada  bhuaidhe  e !  Ach  aig  am  araid 
thainig  esan  gu  bhith  'na  fhear  de  na  daoine 
comasach  a  ghabh  ceannas  an  leasachaidh 
air  fhein.  B'ann  anns  a'  GhearmaUt  bu 
mhotha  a  bhuaidh.  Gun  tighinn  air  buaidh 
eile,  is  e  Liitar  a  rinn  an  canan  Gearmailteach 
a  chur  air  aon  rian  sgoUe  is  ealdhatn  mar 
chainnt  choitchionn,  thorrach,  shiiibhlach, 
sgriobhte.  Cha  ruig  mi  leas  laighe  a  thoirt, 
an  so,  air  a  bhuaidh  an  ciiisean  eaglais  is 
crabhaidh,  tha  roinn  de  sin  cuide  ri  ar  daoine 
mar  dileab  ar  breith  is  ar  n-arach. 

Tha  mi  an  diiU  ma  bha  an  creud  a  bhith 
a'  creidsinn  an  cinnt  aon  duine  beo  riamh 


AS  "COMHRADH  LUTAIR  AIG  A'  BHORD." 


'nar  measg-ne — agus  tha  fhios  gun  robh 
sinne  sinn  fhein  aig  amannan  a'  toirt  aite 
mor  do  dhaoine  araid — tha  fhios  nach  'eil 
moran  de  sin  air  fhagail  an  diugh  'nar 
creideamh.  Is  e  an  ni  as  an  cinntiche  sinn 
gu  bheil  e  buailteach  do'n  duine,  air  fheabhas, 
a  bhith  deanamh  mearachd  agus  nach  'eil 
iomlanachd  ann,  mar  a  chuid  's  a  chuibh- 
rionn,  san  daonachd. 

Agus  is  docha  learn  gun  dean  na  bliadh- 
naichean,  agus  nuoneolas,  gu  minic,  soilleir- 
eachd  a  chur  air  sin.  Tha  fhios  maith  agam 
nach  robh  a  luchd  comhaimsir  a'  cur  iomlan- 
achd no  cion  mearachd  as  leth  Liitair,  ce 
b'e  air  bith  de  a  rinn  cuid  air  dha  dhol  as 
an  t-seaUadh.  Ma  bha  luchd  an  Ath- 
leasachaidh  cho  saor  agus  gun  cuireadh  iad 
lochd  is  coire  as  leth  a'  Phap  cha  shoradh  iad 
an  dearbh  ni  a  dheanamh  air  a  cheile  !  Agus, 
rud  eile  dheth,  faodaidh  duine  bhith  gle 
chinnteach  an  aon  aite,  le  aon  ni,  agus 
faodaidh  e  bhith  gle  mhi- chinnteach  an  aite, 
an  comh-cheangal  eile.  Faodaidh  Liitar, 
mar  sin,  a  bhith  soilleir  agus  cuimseach 
agus  ceart  a'  roinn  cuibhrionn  de  na  sgriob- 
turan,  agus  faodaidh  e  bhith  mearachdach 
gu  leoir  'na  bheachdan  air  cuisean  eUe.  Ged 
is  e  na  h-aon  sgriobturan  a  bha  aca,  cha 
b'e  idir  an  aon  bhrigh  a  thug  luchd  leanmh- 
ainn  Lutair  agus  Chalbhainn  asda  an  car 
coir  is  dleasdanais  nan  iochdaran  fo  righ, 
no  fo  iighdaras  catharra  ;  agus  chaidh  iad 
le  cheile  caran  maith  air  leth  o'n  t-seorsa 
beachd  a  bha  aig  daoine  san  Roimh  air  sin ! 
Is  e  sin,  gun  teagamh,  is  mathair-aobhair, 
a  ris,  air  tomhais  de'n  eadar-dhealachadh 
a  tha,  agus  a  bha,  abair,  eadar  Spainneach 
is  Gearmailteach  is  Albannach.  Nach  can- 
adh  an  Spainneach,  gu  minic,  de  is  toigh 
leis  "  an  Eaglais  "1  de  facal  a'  Phap  ? 
Nach  canadh  an  Gearmailteach  de  is  toigh 
leis  "  an  Uachdaran."  an  t-Iompaire  no 
am  Fiirair  ?  Agus  nach  canadh  an  t- 
Albannach — de  nach  canadh  e !  "  Is  e  an 
duine  an  duine." 

Chan  'eil  duine  gun  comh-cheangal  cruaidh 
aige  ri  a  linn  agus  ri  aois  fhein.  Tha  gach 
duine,  mar  sin,  'na  oighre  air  fiosrachadh 
agus  solus  a  latha,  air  cho  cearbach  agus 
gum  \)i  am  fiosrachadh  agus  air  cho  dorcha 
agus  gum  bi  an  latha.  Agus  an  uair  a 
ruigeas  sinn  air  nithean  a  thuirt  Liitar  mu 
chtiisean  agus  mu  chiim  nach  buineadh  do 
na  sgriobturan  is  ann  is  luaith  thuigeas  sinn 
a  liuthad  caochladh  a  thainig  eadhoia  air 
taobh  an  iar  na  h-E6rpa  o  chaochail  esan 
an  Eisleben  an  1645.  Cluinneamaid  e,  ma  ta, 
a'  labhairt  air  na  deamhnan  : 

"  Tha  na  deamhnan  paUt  anns  na  coUltean, 
an  uisgeachan,  am  fasaichean,  an  ionadan 


dorcha,  glumagach  agus  iad  air  bhiod  gu 
bhith  mUleadh  dhaoine  agus  gu  bhith  'gan 
cur  cli ;  tha  cuid  aca,  mar  an  ceudna,  anns 
na  neoil  thiugha,  dhorcha  a'  deanamh 
clachan-mealain  is  teine-adhair  agus  torrain 
agus  iad  a'  puinnsionachadh  an  adhair  agus 
an  fheoir  agus  na  talmhainn."  Obh !  Obh ! 
Ceol-gaire. 

Tha  fhios  gu  maith  againn  gun  robh  an 
saoghal  Eorpach  Ian  de'n  dearbh  bheachd 
aon  uair,  agus  ro  an-barrach  Ian  deth  mu'n 
tainig  an  soisgeul.  Ach  nach  neonach  leibh 
gun  robh  a'  Ghearmailt,  is  Liitar,  Ian  deth 
o  chinn  ceithir  ceud  bliadhna  air  ais  ?  Chan 
ann  bhuaidhe  a  chaidh  eolas  o'n  uair  sin! 

Ban-bhuidseach  Endor 

Am  bu  mhiann  leibh  beachd  Lutair  air 
na  chunjiaic  Sal  an  righ,  an  uair  a  bha  e 
cuide  ri  ban-bhuidseach  Endoir  a  leughadh  ? 
Chuir  cuideigin  a'  cheist  so  air,  An  e  Samuel, 
an  ceart  da  riribh,  a  chunnaic  Sal  ?  "  Chan 
e,"  arsa  Lutar,  "  ach  taibhse,  droch  spiorad, 
'na  chruth.  Is  e  an  dearbhadh  air  gun  do 
dh'aithne  Dia  trid  lagh  Mhaois  gun  an  duine 
bhith  ceasnachadh  nam  marbh  ;  mar  sin, 
is  eiginn  gur  e  deamhain  a  nochd  e  fhein  an 
riochd  an  duine  le  Dia.  (Cha  robh  a  chuimhne 
air  Sliabh  a'  ehruth-atharrachaidh.) 

Air  a'mhodh  cheudna,  rinn  Aba  Spanheim, 
buidseach,  na  h-iompairean  uile  chaidh 
roimhe  a  nochdadh  do'n  lompaire  Macsi- 
mihan  agus  gaisgich  mhora  nan  linntean 
eile,  a  chaidh  seachad  air  a  bhialaibh  dha 
gach  aon  an  trusgan  a  chomh-aimsir  fein. 
Nam  measg  bha  Alasdair  Uaibhreach  agus 
luilius  Ceusar  ....  ach  cha  robh  anns  na 
taibhsean  sin  ach  obair  an  deamhain." 

Is  iomadh  rud  a  ghabhadh  a  sgriobhadh 
mu'n  chuid  sin,  a  nis !  Bha  Lutar  a'  creid- 
sinn  gun  do  sparr  buidseach  araid  cabar- 
feidh  air  ceann  Fhreudruig  athair  Mhacsi- 
milian  (rud  a  bha,  cheart  da  riribh,  a'  fas 
as  a'  cheann  aige  ? !) 

"  Tha  mi,"  arsa  Lutar,  "  air  mo  dhoigh 
an  uair  a  bhios  aon  deamhan  a'  sgrios 
deamhain  eUe."  Bha  e  de'n  bheachd  gun 
robh  cuid  aca  "  na  bu  treise  na  cheile." 
"  B'aithne  dhomh,"  arsa  Liitar,  "  fear  am 
Magdelburg  a  chuir  an  ruaig  air  an  t-Satan 
le  smugaid  a  thilgeil  air."  Ma  ta,  tha  gu 
leoir  san  linn  so  a  chanas  riut  nach  'eU, 
agus  nach  robh,  taibhse  ann.  Cha  choir 
do  dhuine  a  bhith  cinnteach  a  ni  nach  do 
rinneadh  cinnteach  dha.  Tha  cuid  ann  a 
chumas  a  chaochladh  a  mach.  Agus  chan 
e  idir  an  dearbh  bheachd  a  bha  aig  Liitar 
air  taibhsean  a  tha  aca  san  orra. 

Bu  mhaith  leam  an  rud  a  thuirt  Lutar 
mu  cheol  a  chur  sios  : 


AS  "  COMHRADH  LUTAIR  AIG  A'  BHORD. 


Mu  chedl 

"  Bha  gr^dh,  riamh  agam  air  ceol ;  tha 
gach  fear  a  tha  ealdhanda  air  so  de  n^dur 
maith  agus  e  deas  air  son  gach  ni.  Feumaidh 
sinn  ceol  a  theagaisg  anns  na  sgoUean ; 
mur  biodh  ceol  aig  maighstir-sgoile  cha 
bhiodh  raeas  agam  air ;  cha  rohotha  na  sin 
a  bheirinn  ord  do  dhaoine  oga,  mar  luchd- 
searmonachaidh  mur  biodh  iad  air  an 
deagh  chleachdadh  ri  ceol."  Uel!  Uel! 
is  leoir  dhomhsa  so  a  radh,  Ma  chaidh 
eaglais  an  Ath-leasachaidh  an  aghaidh  LUtair 
an  chis  air  bith,  air  Gaidhealtachd  Albann, 
gun  deachaidh  i  'na  aghaidh  an  car  a'  chiuil. 
Chan  fhaigheadh  Lutar,  'nar  latha-ne,  cead 
a  bhial  fhosgladh  an  cuid  de  na  h-eaglaisean 
againn  a  tha  oho  mor  as !  Nam  f  aiceadh 
iad  e,  aon  uair,  agus  an  fhidheal  bheag  aige, 
CO  aca  a  chreideadh  gun  robh  gr^s  riamh 
aig  an  duine  bhochd  ?  Is  e  cion  eolais 
air  ceol  aineolas  cho  trom  agus  a  tha  air  an 
eaglais  air  Gaidhealtachd  na  tire  so,  agus 
chan  'eil  e  'na  aonar  oirre.  Chan  arm  air 
Martainn  Lutar  a  tha  a'  choire.  Agus 
biodh  a  bheachd  aig  an  fhear  a  thogras. 
daoine  bhith  an  toir  air  deamhnan  far  an 
togair  iad.  Chan  ann  am  measg  nan  uiseag 
a  bhios  suil  agam  fhein  an  lorg.  Fhuair 
Aonghas  nam  Beann  ceol  an  torman  an  uUlt 
a'    moladh    an    Tighearna.        Chuir    cuid 


againne  as  do  ar  ceol  fein  gu  leithid  de  ire 
agus  gur  gann  gur  h-aithne  dhuinn  raim  de 
na  saUm  a  sheinn  gun  mhearachdan.  Am 
measg  dhaoine  a  bha,  a  reir  n&,duir,  comas,ach 
air  ceol  a  thogail  is  ceol  a  sheinn  chuireadh 
glas-ghuib  air  "  luchd  seinn  nan  oran." 
Tha  daoine  air  a'  Ghaidheaitachd  air  an 
dalladh  cho  mor  agus  gun  tugadh  a  chreidshm 
orra  gur  rud  peacach  a  tha  an  "  EUean  an 
Fhraoich,"  eadar  fonn  is  facal!  Chan  'eil 
dad  aca,  gun  ta,  an  aghaidh  "  God  save  the 
King,"  na  "Ye  Mariners  of  England."  Is 
e  an  ceol  GMdhealach  a'  chreach!  Tha 
an  ceol  Gaidhealach  cho  maith  ri  ceol! 
Chaidh  fuinn  a  theagaisg  do  dhaoine  o 
chionn  ceud  bliadhna,  meall  maith  aca. 
Cha  do  rinneadh  moran  teagaisg,  eadhoin 
air  an  t-seorsa  sin  fhein,  on  uair  sin  ;  agus 
tha  na  fuinn  sin,  a  nis,  aig  daoine  mar  a 
thuirt  Niall  Moireasdan  mar  "  spainn  mheir- 
geach  a  bha  aig  an  seanair."  "  Teirigidh 
Cruachan  Beann  gun  rud  a  chur  na  cheann." 
Is  i  an  smeorach  is  fhe^rr  leis  an  oigridh  na 
an  rocais,  agus  tha  na  h-aobhair  aca.  Is 
ann  le  Lutar  a  rachainn  fhein,  ceum  fada, 
agus  mo  chill  ris  an  t-seorsa  a  chaidh  'na 
aghaidh  san  ni  so.  Di-meas  is  dearmad 
air  ceol! 

Ach  cabar-feidh,  mar  thoradh  buid- 
seachd,  a'  f^s  a  ceann  an  lompaire  Freu- 
druig !    Chan  'eil  mi  creidsinn  facal  dheth. 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  na  l^ithean  so  tha  barrachd  dhaoine 
a'  diirachdainn  sith  a  bhi  air  thalamh  agus 
reite  eadar  rioghachdan  na  bba  riamh  ann  ach 
air  a  shon  sin  tha  barracJid  eas-aonachd 
agus  aimhreit  agus  maoidheadh  cogaidh 
anns  an  t-saogbal  an  diugh  na  bha  ann  riamh. 
Ciod  is  ciall  da  ?  Tha  e  duilich  a  radh  ;  tha 
ctiisean  air  an  amladh  mu  cheUe  anns  na 
laithean  so  air  a  leithid  de  dhoigh  's  gu  bheil 
e  duilich  do  dhuine  tachartasan  an  la  a 
thuigsinn  mur  bheil  eolas  aige  nach  urrainn 
a  bhi  aig  aon  duine,  agus  mur  h-aithne  dha 
ciod  a  tha  daoine  ag  radh  agus  a'  smuaineach- 
adh  ann  am  Moscow,  am  Paris,  an  New  York, 
am  Prague,  cho  maith  's  is  aithne  dha  ciod  a 
tha  paipearan-naidheachd  Lunnainn  agus 
muinntir  Dhun-eideann  agus  Mghr  Bevin 
agus  Mghr  Churchill  ag  radb.  Tha  seorsa  a 
dh'aonachd  anns  an  t-saoghal  an  diugh,  ach 
's  e  aonachd  mhealltach  a  tha  ann,  aonachd 
nach  'eU  a'  ciallachadh  dad  ach  gu  bheil  an 
t-astar  eadar  rioghachdan  air  a  lughdachadh 
le  Radio  agus  bataichean-adhair  agus  inn- 
ealan  eile,  agus  gu'n  cluinn  iad  naidheachdan 
agus  goileab  each  a  cheile  na's  luaithe  na 


chluinneadh  iad  e  aon  uair.  Ach  tha  an 
saoghal  cho  mor,  agus  an  aonachd  as  fhiach 
aonachd  a  radh  rithe  cho  beag,  agus  daoine 
anns  a  h-uUe  rioghachd  cho  cinnteach  asda 
fhein  agus  cho  danarra,  's  nach  'eil  ann  ach 
diomhanas  a  bhi'n  duU  gu'n  gabh  iad  ri 
reachdan  a  cnuirear  orra  le  Ughdarras 
Coitchionn  air  bith.  Is  maith  ma  ni  iad  sin-^ 
ann  an  coig  ceud  bhadhna  eile,  ach  theagamh 
roimh  sin  gu'm  bi  eachdraidh  an  t-saoghail 
a'  ruith  ann  an  claisean  ura,  agus  doigh- 
beatha  a'  chinneadh-daonna  air  atharrachadh 
air  mhodh  nach  urrainn  dhuinne  a  thuigsinn 
no  a  roimh-fhaicinn. 

Tha  mi  'g  a  sgriobhadh  so  air  Di-haoine  na 
Ceusa,  la  cho  grianach  's  a  thainig  am 
bhadhna.  Fad  a'  Mhairt  bha  aimsir  mhaith 
againn  anns  an  t-saoghal  nadurra,  ach  an 
aimsir  a  bu  mhiosa  air  a  bheil  cuimhne  agam 
ann  an  doigh  eile.  A  h-uile  maduinn  bha 
eagal  orm  am  paipear-naidheachd  fhosgladh, 
gun  fhios  nach  robh  cogadh  ceum  na  bu 
dluithe  na  bha  e  an  de.  Gu  h-onorach  cha 
robh  mi  a'  creidstnn  'n  am  chridhe  fhein  gu 
robh  cunnart  cogaidh  ami,  oir  cha  bu  leir 


ANNS  A'  CHA,THAIR 


dhomh  aobhar  gu'm  bitheadh,  ach  bha 
caiimt  nan  Ceannardan  agus  nan  Riaghlair- 
ean  a'  cur  eagail  orm,  cainnt  cho  coltach  ri 
cainnt  nan  ceard  's  naeh  'eil  fhios  agam 
c'aite  an  d'ionnsaich  iad  i  mur  ann  o  na 
.  ce^ird  fhein.  Sin  an  t-atharrachadh  as 
motha  agus  as  miosa  a  thainig  air  riaghladh 
nan  rioghachdan  ri  m'  chuimhne,  am  miomh- 
odh  agus  an  teas  agus  a'  bhuirbe  leis  am 
bruidhinn  luchd-riaghladh.  ri  cheile  am 
fianuis  an  t-saoghail,  a'  cur  bhreugan  as  leth 
each  a  cheile  agus  a'  glaodhach  air  na  cnuic 
gu  bheil  America  no  Breatunn  no  Ruisia 
ag  iarraidh  cogaidh.  Cia  dhiubh  a  bha  an 
seann  luchd-riaghlaidh  (anns  na  rioghachdan 
uile)  na  b'fhearr  no  na  bu  ghhce  na'n  fheadh- 
ainn  oga  bha  iad  na  by  mhme  agus  na  bu 
mhodhaile  agus  na  b'uaisle  'n  an  cainnt.  Is 
maith  an  rud  modh  agus  ciiiine  an  uair  a 
tha  thu  a'  danamh  gnothuich  ri  duine  eile. 

Comhairle  clag  Scain 

Ach  is  e  a  bha  'n  am  bheachd  a  r^dh  air 
an  duilleig  so  nach  'eil  dochas  air  bith  agam 
gu'm  bi  an  saoghal  na's  sitheile  na  tha  e  gus 
an  toisich  daoine  agus  rioghachdan  air  an 
aire  a  thoirt  air  an  gnothuch  fMin,  gun  bhi 
a'  cur  an  corragan  ann  an  gnothuch  dhaoine 
eile  no  rioghachdan  eile.  Ach  sin  an  dearbh 
rud  nach  dean  iad,  oir  is  e  creud  agus  paidir 
na  gineil  so  nach  'eil  saorsa  no  tearuinteachd 
ri  fhaotainn  ach  arm  an  Collective  Security, 
co-bheinn  a  tha  na  's  naoimhe  agus  na's 
criosdaile  an  stiilean  mhoran  dhaoine  na'n 
Eaglais  Choitchionn.  Bha  e  furasda  do'n 
dochas  so,  gu  bheil  tearuinteachd  ri  fhao- 
tainn ann  an  co-bheirm  ri  each  a  cheile,  greim 
laidir  a  ghabhail  air  inntirmean  dhaoine  a 
chionn  gu  bheil  an  teagasg  cho  fasanta  anns 
an  eaglais  an  diugh  gur  e  an  doigh  as  cinntiche 
air  t'anam  fhein  a  thearnadh  daoine  eUe  a 
chiobaireachd.  Mar  sin  tha  cleoca  na 
diadhaidheachd  air  a  sgaoileadh  thairis  air 
Collective  Security,  ged  is  e  an  fhior  fhreumh 
as  am  bheil  e  a'  fas,  eagal,  an  t-eagal  sin  anns 
a  bheil  pian  a  choinn  gu  bheil  droch  amharus 
aig  aon  choimhearsnach  air  coimhearsnach 
eile. 

An  uair  a  tha  rioghachdan  a'  dol  ann  an 
co-bheinn  an  aghaidh  a  cheile,  tha  gach  aon 
dhiubh  a'  call  saorsa  an  coguis  ann  an 
tomhas  mor,  agus  faodaidh  iad  a  bhi  air  an 
tarruiug  a  steach  do  chogadh  gun  aobhar  air 
bith  ach  gu  bheil  an  onoir  a'  toirt  orra  am 
facal  a  sheasamh.  'S  e  na  co-bheinnean  no 
jia  h.- Alliances  a  bha  anns  an  Roinn-Eorpa 
an  1914  agus  an  1939  a  b'aobhar  do'n  da 
chogadh  sgriosaU  mu  dheireadh,  air  chor 
agus  nach  e  dion  no  te^ruiateachd  a  tha  annta 
ach  cunnart.     Cha  bhiodh  cunnart  cogaidh 


na  bu  mhotha  na  tha  e  na'n  robh  a  h-uUe 
innleachd  is  acfhuinn  a  thatar  a'  cur  suas 
an  ainm  Collective  Security  air  an  sguabadh 
as,  agus  gach  riogHachd,  mor  agus  beag, 
air  a  f^gail  gu  bhi  a'  seasamh  air  a  casan 
fhein.  Tha  de  cho-bheinnean  agus  de 
chomhdhailean  aig  na  rioghachdan  an  diugh, 
uiread  bruidhne  agus  deasbud  a'  dol  air 
aghadh  ann  an  Conferences  agus  Committees 
's  nach  'eil  de  litrichean  anns  an  aibideal  na 
bheir  ainm  dhaibh,  ach  ciod  a  thainig  asda 
ach  droch  nadur  agus  droch  cainnt  agus 
tuasaid  agus  inisgean  'g  an  tUgeadh  air 
each  a  cheile. 

Is  e  an  fhirinn  gu  bheil  sinn  uile  ann  an 
tuilleadh  's  a  choir  de  chabhaig  a  chur  an 
t-saoghail  ceart,  agus  gu  bheU  dull  aig  na 
daoine  dochasach  a  bhios  sinn  a'  cur  do  na 
Conferences  A.B.C.  no  U.Y.Z.  gu'n  teid 
aca  fhein  air  a  dheanamh  ann  am  beagan 
bhliadhnachan  agus  air  bheagan  cosduis. 
Och,  och  ;  ann  an  sealladh  Dhe  chan  'eU 
mUe  bhadhna  ach  mar  fhaire  anns  an 
oidhche  ;  tha  mac  an  duine  cheana  a'  stri 
agus  a'  tapaid  air  son  a  shaorsa  agus  a 
thearuinteachd,  le  fhallus  agus  le  fhuU, 
coig  mile  fichead  bliadhna  no  na's  fhaide, 
agus  theagamh  gu'm  bi  e  leth-cheud  muillean 
bliadhna  eUe  air  an  talamh,  a'  saothrachadh 
agus  a'  stri  air  son  aonachd  agus  braithrea- 
chas  agus  tearuinteachd  agus  sith  air  thalamh . 
Chan  'eU  cabhag  air  Dia  ;  is  leir  dha  crioch 
gach  ni  o  thoiseach,  agus  a  reir  choslais, 
is  e  a  thoil  gur  ann  ri  iiine  agus  le  cosdus, 
fallus  is  fuil  is  fulangas,  a  shealbhaicheas 
daoine  saorsa  agus  tearuinteachd. 

Tha  nithean  sonraichte  a  bu  choir  a  bhi 
air  a  radh  gu  trie  ann  an  eisdeachd  a'  phobuill, 
agus  is  e  so  aon  dhiubh,  nach  'eil  e  comasach 
do  shluagh  geal  sluagh  geal  eile  a  riaghladh  an 
diugh  ach  le'n  aonta  agus  le  an  gean-maith. 
Faodaidh  iad  feuchainn  ris  ach  cha  teid  aca 
air.  Ged  bha  Breatunn  na  bu  chearta  agus 
na  bu  chaomhala  mar  uachdaran  na  na 
Fir-mhora,  Hitler  agus  Mussolini  agus  Stalin, 
b'fheudar  dhi  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
riaghladh  Eirimi.  a  thoirt  do  na  h-Eirionnaich 
fhein  agus  Eirinn  fhagail.  Tha  i  a  nis  a' 
fagail  nan  Innsean  an  Ear  agus  Burmah, 
chan  ann  a  chionn  nach  'eil  neart  'n  a 
gairdean  a  chumadh  smachd  orra,  ach  a 
chionn  gur  e  aon  de  na  nithean  a  tha  i  a' 
teagasg  do'n  t-saoghal  o  chionn  fhada, 
iighdarras  agus  riaghladh  a  liubhairt  thairis 
do'n  iochdaran,  cho  luath  's  a  tha  e  deas  air  a 
shon,  agus  a  chionn  gu  robh  muinntir  Bhrea- 
tuinn  fhein  a'  fas  sgith  de  ghearan  nan 
Emonnach  agus  nan  Innseanach.  Bu  choir 
gu'm    fosgaileadh    sin    stiilean    dhaoine   air 


ANNS   A'    CHATHAIR 


feadh  an  t-saoghail  uile  agus  gu'm  foghluim- 
eadh  iad,  gliocas  uaith,  ach  tha  an  suilean 
air  U.N.O.  agus  air  Lake  Success,  ainm  as 
fhearr  agus  aite  as  fhearr  na  dad  a  thainig 
asda  fhathast. 

Cha  robh  e  duilich  do  Hitler  Czecho- 
slovakia a  chiosnachadh  agus  a  chur  fo 
uachdranachd  na  Gearmailte,  ach  ciod  a 
bhuannachd  a  bhiodh  ann  do'n  Ghearmailt 
air  a'  cheann  mu  dheireadh  ?  Gun  teagamh 
bhiodh  uabhar  an  t-sluaigh  ann  an  Czecho- 
slovakia air  isleachadh  agus  tamailt  orra  gu'n 
do  chaill  iad  an  uachdranachd  agus  an 
saorsa  am  fianuis  an  t-saoghail,  ach  cha 
bhiodh  iad  na  bu  mhiosa  na  bha  iad  ann  an 
doighean  eile  oir  riaghladh  a'  Ghearmailt  an 
diithaich  oho  maith  ris  na  Czechs  fhein,  no 
maith  dh'fhaoite  na  b'fhearr.  Na'm  biodh 
na  Czechs  toileach  air  an  tamailt  a  dh'fhuiling 
iad  a  dhichuimhneachadh  an  ceann  iiine  agus 
measgadh  ris  na  Gearmailtich  mar  gu'm  b'e 
an  aon  naisinn  agus  an  aon  sluagh  a  bha 
annta  chan  e  cron  ach  maith  a  bhiodh  anns 
an  rud  a  thachair,  oir  bhiodh  aon  rioghachd 
na  bu  lugha  anns  an  t-saoghal,  a'  tagar 
ard-uachdranachd,  agus  mar  sin  aonachd  a' 
chinne  daonna  ceathramh-an-6irlich  na  bu 
dliiithe.  Agus  mur  dichuimhnicheadh  na 
Czechs  an  naisinneachd,  agus  na  'n  leanadh 
iad  orra,  gineal  as  deidh  gineil,  a'  tagar  an 
saorsa  agus  an  uachdranachd,  'n  an  sluagh 
canranach  agus  neo-thoilichte  agus  dealaichte 
o'n  t-sluagh  a  thug  am  braighdeanas  iad, 
ciod  a  thachradh  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
ach  gu'm  bu  bhuidhe  leis  a'  Ghearmailt 
leigeil  leo  dol  air  thigheadas  dhaibh  fhein, 
chan  ann  air  ghaol  nan  Czechs  ach  air  ghaol 
sith  dhi  fhein  agus  sgolb  a  thoirt  as  a  feoil 
fhein,  no  a  chionn  gu'n  d'ionnsaich  i  an 
leasan  a  dh'ionnsaich  Breatunn  cheana, 
nach  urrainn  aon  sluagh  sluagh  eile  a  riagh- 
ladh ach  le  aonta  an  toile.  Faodaidh  gu'n 
teid  aca  air  a  dheanamh  coig,  no  fichead, 
no  leth-cheud,  no  ceud  bliadhna,  ach  thig  e 
gu  crich  uaireigin. 

Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  Ruisia  an 
diiil  gu'm  bi  e  'n  a  neart  dhi  Poland  agus  na 
rioghachdan  beaga  eile  air  taobh  shear  na 
h-Eorpa  fhaotainn  fo  a  spogan,  ach  fanadh  i 
ri  dheireadh.  Ma  tha  baigh  aca  rithe  agus 
meas  air  a  modh-riaghlaidh  is  maith  mar  tha 
a'  tachairt,  ach  ma's  ann  an  aghaidh  an 
toile  a  tha  i  'g  an  cumail  sios,  chan  e  neart 
ach  laigse  a  bhios  annta  dhi,  neasgaidean  a 
phuinnsicheas  a  feoil  fhein. 

Rioghachd  air  bith  a  tha  a'  seasamh  gu 
laidir  air  a  h- ard-uachdranachd  ach  nach 
urrainn  i  fhein  a  dhion  chan  'eil  coir  aice 
diaU  a  bhi  aice  gu'n  dion  rioghachdan  eile  i. 
Ma  dh'fheuchas  iad  ri  dheanamh,   biodh  i 


cinnteach  nach  ann  air  a  sgath-se  a  tha  iad 
'g  a  dheanamh  ach  air  son  aobhair  air 
choreigin  dhaibh  fhein.  Mur  bheil  a  saorsa 
a'  cosd  dad  do  rioghachd  chan  fhiach  i 
saorsa  a  radh  rithe  ;  chan  'eil  anns  an  t- 
saorsa  a  tha  air  a  cumail  do  rioghachd 
le  saothair  agus  fallus  agus  ciobaireachd 
rioghachdan  eile  ach  teine-sionnchain,  saorsa 
mhealltach  anns  nach  'eil  buannachd  do'n 
t-saoghal  uile,  no  do  'n  chinne-daonna  uile 
ged  a  dh'fhaodas  i  sineadh  beag  laithean  a 
thoirt  do  staidean  gun  aigne  gun  sgoinn. 

Chan  'eil  frith-rathad  gu  saorsa  no  sith 

Cuimhnich,  a  leughadair,  nach  'eil  mi  am 
beachd  gu  bheil  doigh  no  innleachd  agam 
air  na  nithean  a  tha  troimh-cheile  anns  an 
t-saoghal  an  diugh  a  reiteachadh.  Chan 
'eil,  chan  'eil ;  ach  coltach  ri  aireamh  mhor 
dhaoine  eile  tha  mi  a'  call  mo  dhochais  ann 
an  eifeachd  nan  Alliances  agus  nan  Confer- 
ences leis  an  robh  sinn  an  dtiil  gu'm  biodh 
sith  agus  tearuinteachd  air  an  steidheachadh 
air  thalamh.  Tha  amharus  agam  nach  e 
mhain  gu  bheil  iad  gun  toradh  siochail  no 
buan,  ach  gur  iad  fhein  trian  mhaith  de'n 
aobhar  a  tha  deanamh  buaireis  anns  an 
t-saoghal.  Ceithir  no  coig  de  dhaoine  aig 
nach  'eil  an  aon  chainnt,  no  an  aon  chreid- 
eamh,  no  na  h-aon  bheachdan  mu  shaorsa 
no  mu  riaghladh  ;  fichead  no  deich  ar 
fhichead  rioghachd  a'  suidhe  mar  chuirt  air 
each  a  cheile,  an  diugh  mar  shiorram,  an  de 
mar  fhear-tagraidh,  am  maireach  mar 
fhianuis,  agus  uiread  rdinnean  agus  cuilbh- 
eartachd  'n  am  measg  's  a  tha  de  dhathan 
ann  am  bogha-frois — ciod  as  urrainn  tighinn 
as  a'  phoit  sin  ach  toit  agus  Tophet. 

Mar  sin  tha  mi  a'  cur  sios  air  an  duilleig 
so  rud  no  dha  a  bhios  air  uairean  a'  dol 
troimh  m'inntinn  mu  chiirsa  an  t-saoghail. 

(1)  Nach  e  mhain  nach  'eil  co-bheinnean 
eadar  rioghachdan  'g  ar  saoradh  o  chogadh 
ach  gur  iad  as  aobhar  ann  an  tomhas  mor 
do  na  cogaidhean  mosach.  Ach  ged  tha  mi 
cinnteach  gur  e  droch  fhasan  a  tha  annta, 
fasan  gorach  agus  cunnartach,  chan  'eil 
fhios  agam  ciamar  a  ghabhadh  e  cur  as. 

(2)  Cha  bhiodh  e  'n  a  oilbheum  air  bith  do 
m'choguis  tulgadh  cogaidh  fhaicinn  eadar 
da  rioghachd  na'n  seasadi  each  a  mach 
gun  dol  's  an  eadraginn  agus  na'n  leigeadh 
iad  leo  fhein  tapaid  gus  am  bu  bhuidhe  le 
aon  dhiubh  stad.  Bhiodh  cogadh  eadar 
dithis  goirid  agus  glan  ;  is  e  na  cogaidhean 
mora  a  tha  air  fas  briiideil  is  mosach.  Bhiodh 
naire  air  aon  rioghachd  rud  leibideach  a 
dheanamh  nach  cuireadh  naire  air  bith  air 
sia  no  seachd  de  rioghachdan  ann  an  co- 
bheinn.     Na'n  robh  Breatunn  leatha  fhein 


ANNA  A'  CHATHAIR 


chan  'eil  mi  a'  creidsinn  gu'n  gabhadh  i 
oirre  fhein  am  bomb  ud  a  thilgeadh  air 
Hiroshima,  ach  bha  i  ann  an  co-bheinn  agus 
rinn  i  e,  a.ch  tha  a  cionta  cho  mor  's  ged 
b'ann  air  a  comhairle  fhein  a  mhain  a  rinn 
i  e.  Am  peacadh  a  ni  paidhir  comhla 
p^idhidh  iad  air  a  shon  fa  leth.  Na  h-earb 
a  coguis  duine  air  bith  a  tha  ann  an  co- 
bheinn. 

(3)  Tha  e  mar  fhiachaibh  air  a  h-uile 
rioghachd  agus  a  h-uile  sluagh  a  tha  a' 
seasamh  air  an  coirichean  agus  an  ard 
uachdranachd  iad  fhein  a  bheathachadh 
agus  iad  fhein  a  dhion,  agus  mur  teid  aca 
air  sin  a  dheanamh,  biodh  a  chall  agus  a 
bhuil  orra  fhein. 

Cha  do  bhruidhinn  mi  riamh  ri  gin  d'am 
chairdean  no  d'am  chompanaich  mu  na 
beachdan  so  nach  e  a  thuirt  iad  rium,  "  Obh, 


obh,  gu  de  a  thigeadh  as  a  sin  ach  gu'n  cuir- 
eadh  Hitler  no  Stalin  an  saoghal  fodhpa 
fhein."  Feuchadh  iad  ris.  Chan  'eil  ann  ach 
facal  a  bhi  ag  radh  gu  bheil  an  duine  ud  no 
an  rioghachd  ud  ag  iarraidh  an  saoghal  a 
chur  fodhpa  fhein  ;  bochdan  leis  am  hi  eagal 
air  a  chur  oirnn.  Ach  ged  dh'iarradh  iad  e 
chan  fhaigheadh  iad  e,  a  chionn  gu  bheil 
spiorad  agus  sprachd  anns  an  duine  nadurra 
agus  anail  an  Uile-chumhachdaich.  Ach  tha 
cho  beag  faidhidinn  aig  daoine  agus  tha  iad 
CO  cinnteach  gu'n  teid  aca  air  an  t-saoghal  a 
chur  ceart  ann  aon  ghineal  le  bruidhinn  's 
nach  leig  iad  le  Tim  no  le  tapaid-dithis 
ctiisean  a  shocrachadh,  no  le  fear-foirneirt 
an  droch  shiol  a  chuir  e  a  bhuainn,  no  idir 
idir  leis  an  fhear-lag  a  dhearbhadh  le  mhis- 
neach  agus  a  dhiorras  agus  fhulangas, 
theagamh  fad  da  cheud  bliadhna,  gur  h^ 
airidh  e  air  saorsa  agus  uachdranachd. 


Dealbhan  Cuimhne 

Leis  an  Urramach   Uilleam  E.  K.  MacFhraing,  B.D.,  Gill  Rimhinn. 


AN  latha  mi-shona  'nuair  a  thuit  mi 
c6m.hla  ri  fir  eile  de'n  Highland  Division  a-n 
lamhan  nan  GearmaUteach  mar  phriosan- 
aich,  chaidh  sinn,  no  bha  sinn  air  ar  giiilan, 
oir  is  e  sin  an  fhirinn,  do  bhaile  beag  Frangach 
ris  an  canar  St.  Laurent. 

An  sin  sparr  iad  mi-fhein  maille  ri  mu 
fhichead  duine  eile  anns  an  eaglais  a  chur 
seachad  na  h-oidhche. 

Latha  no  dha  roimhe  sin  bha  car  comhraig 
ann  mu  thimchioll  a'  bhaile,  agus  bha 
comharraidhean  di  air  an  eaglais  fhein. 
Chaidh  slige  troimh  a  muUach  agus  urch- 
raichean  troimh  na  ballachan.  Bha  na-h- 
uinneagan  uile  briste  agus  bha  an  lar  air 
a  chomhdachadh  le  spruileach  chlach  agus 
le  stiir. 

Ach  bha  f  ard  ach  againn  ann  co  dhiubh, 
fardach  a  cheart  cho  socrach  's  a  fhuair 
sinn  iomadh  uair  eile,  agus  b'eiginn  deanamh 
mar  a  b'fhearr  a  dh'fhaodamaid  dhuinn. 
Chaidh  mise  do'm  laighe  air  an  lar  marmorach 
direach  fa  chomhair  altarach  ;Si^.  Laurent 
fhein,  agus  ge  cruaidh  an  leabaidh,  le'm 
chota  mor  mu'm  thimchioll  fhuair  mi  cadal 
seimh,  tlachmhor,  agus  dhichuimhnich  mi 
mulad  gotrt  an  latha  a  chaidh  seachad. 

Aig  glasadh  an  ath-latha  chaidh  sean 
sagart  a  steach  agus  balach  beag  'ga  chois. 
Bha  e  os  cionn  ceithir  fichead  bliadhna 
dh'-aois  agus  air  a  chrathadh  'na  chorp 
agus  air  a  bhuaireadh  'na  chridhe  leis  a' 
chogadh  a  chuir  eagal  agus  sgrios  air  a 'bhaile 


agus  an  eaglais.  Bha  coslas  air  gu  dearbh  a 
bhi  teannachadh  ri  crioch  an  turuis  shaogh- 
alta  so. 

Chuir  an  dithis  falluinean  grinne  orra, 
agus  is  cuimhne  learn  gun  robh  te  lan-dearg 
aig  a'ghille  bheag,  agus  ghabh  iad  orra 
aifrionn  ath-aithris. 

Aig  deireadh  na  seirbhise  bha  sinne  air  ar 
diisgadh,  agus  ghabh  an  sagart  beach d 
oirnn.  Thionndaidh  e  'aghaidh  mu'n  cuairt 
oirnn  agus  thuirt  e  "  Cha  teid  focal  Dhe 
thairis  a  chaoidh." 


Is  trie  a  bhios  mi  a'cuimhneachadh  air  an 
sean  duine  sin  cho  dleasnach  dileas,  agus  bu 
trie  a  chuir  cuimhne  air  brosnachadh  orm 
anns  na  bliadhnacha  fada,  sgitheachail  a 
thainig  'na  dheidh  sijd. 

Tha  cuimhne  agam  mar  an  ceudna  air  na 
Gearmailtich  a  bha  am  muigh,  'nan  spagluin- 
neachd  le  lan-dearbhachd  buaidh. 

Co  iadsan  a  nis  a  thug  aoradh  do  Hitler  1 
Ach  tha  an  duine  diadhaidh  ud  a'deanamh 
aoraidh  do  Dhia,  mur  bheil  air  an  talamh, 
ann  an  gloir  neamhaidh. 

(Dh'ionnsaich  ministear  Chill-rimhinn 
Gaidhlig  a  leughadh  agus  a  sgriobhach 
agus  a  bhruidhinn  an  uair  a  bha  e  'na 
phriosanach  anns  a'  Ghearmailt,  agus  dh' 
ionnsaich  e  i  cho  maith  's  gu'm  bi  Cinn  a' 
Chomuinn  Ghaidhealaich  toilichte  ma  thig 
Clann  an  Fhraoich  air  an  aghaidh  cho  maith 
an  Arasaig.     Am  Fear-deasachaidh.) 


Aig  an  Uinneig 


Cnd  anns  a  bheil  biadh 

BHO  chionn  bhliadhnachan  bha  moran 
leabhraichean  mu'n  Ghaidhealtachd  agus 
na  h-Eileanan  air  an  sgriobhadh  le  luchd- 
turuis  ris  an  do  thaitinn  an  duthaich  cho 
maith  's  nach  b'urrainn  dhaibh  gun  an 
solas  fhein  a  roinn  ri  daoine  eile.  Anns  a' 
chuid  mhor  de  na  leabhraichean  sin  chan 
fhaigh  thu  dad  a  tha  ur  dhuit,  agus  chan  ann 
air  son  na  tha  annta  a  dh'  eolas  a  bhios  sinn  'g 
an  leughadh,  ach  a  chur  seachad  na  h-Mne 
gun  fadal,  agus  a  shealltainn  air  na  dealbhan 
boidheach  a  tha  annta  am  bitheantas.  Ach 
chan  ann  de'n  t-seorsa  so  a  tha  an  leabhar 
a  chuir  F.  Fraser  Darling,  D.Sc,  F.R.S.E., 
a  mach  an  uiridh  ;  tha  dealbhan  ann  cho 
maiseach  's  a  gheibhear  ann  an  each,  ach 
tha  uiread  eolais  agus  fiosrachaidh  ann  pau 
thir  ar  diithchais  's  gu'm  b'  fhiach  dhuit  a 
cheannach  ged  bhiodh  e  a  thri  daoiread  's 
a  tha  e,  se  tasdain  deug. 

Chan  e  mhain  gu  bheil  eolas  mionaideach 
ann  mu'n  Ghaidhealtachd ;  mu  na  creagan, 
na  beanntan,  agus  na  coilltean ;  mu'n 
fhearann,  an  t-sid,  agus  na  daoine ;  mu 
fheidh,  mu  chaoraich,  agus  mu  roin  ;  mu 
iasg,  mu  coin,  agus  mu  mheanbh-bheatha 
eUe  na  diithcha,  ach  tha  an  t-eolas  sin  air 
a  chur  mu  d'  choirmeamh  cho  soilleir  agus 
cho  ordail  's  gu  bheil  e  furasda  dhuit  a  thogail 
agus  cuimhtxe  a  chumail  air.     Tha  e  furasda 


fhaicinn  gur  e  fior  sgoilear  agus  duine 
aig  a  bheil  inntinn  gheur  agus  bheachdail 
a  sgriobh  an  leabhar  so.  Chan  'eil  duine 
an  diugh  beo  d'an  aithne  a'  Ghaidhealtachd 
agus  na  creutairean  a  tha  innte  cho 
maith  ri  Fraser  Darling.  Theid  aige  air 
innseadh  dhuit  as  a  sheasamh,  c'aite  a  bheil 
an  t-eun  so  a'  neadachadh,  agus  c'aite  nach 
'eil  am  fear  ud  eile  ;  c'uin  a  tha  na  roin. 
a'  breith  air  eileanan  Threisinnis,  agus  car 
son  a  tha  druideachan  a'  fas  lionmhor,  gu 
de  an  airde  aig  a  bheil  an  luibh  so  no  am 
feur  so  a'  fas,  agus  am  mtighadh  a  tha 
eadar  craobhan  is  fraoch  Earra-Ghaidheal 
agus  craobhan  is  fraoch  a'  Mhonaidh  Leith 
no  Pheairt — -sin  agus  ceud  rud  eile  air  nach 
'eil  fhios  agad  (cha  robh  fhios  agam-sa  orra 
CO  dhiubh)  mu  sgadan,  mu  chearbain,  mu 
fheamainn,  mu  mhaorach,  mu  shionnaich, 
mu  mhuca-mara,  gheibh  thu  anns  an  leabhar 
so.  An  robh  fhios  agad  gu'm  faod  deich 
mile  "  ubh  "  no  iu chair  a  bhi  air  an  glaodh- 
adh  ri  casan  giomaich  ? 

Chan  e  mhain  gu'm  faigh  thu  anns  an 
leabhar  so  eolas  a  bha  ur  dhuit,  ach  gheibh 
thu  ann  beachdan  ciallach  agus  cothromach 
o  dhuine  turail  mu  chroitearachd,  mu 
fhearainn-chaorach,  mu  fhrithean  fhiadh, 
agus  mu  choiUearachd,  nithean  nach  'eil 
furasda  do  Ghaidheal  air  bith  bruidhinn 
umpa  gun  teas. 


Thoir  Itiil  A  Sholuis  Aigh 

Eadar -theangachadh  air  an  Laoidh  aig  an  Ollamh  Newman :  "Lead  Kindly  Lights 

A    SHOLUIS   Aigh   tre'n   duibhre   dh'iadh     Cha  robh  mi  ghnath  mar  so,  's  cha  d'  dh'iarr 

mu'm  shligh'  mi  fos 

Treoraich  mi ;  Gu'n  stiiurte  mi, 

^       ,      1  ,  -Ji,  v'  •      •         >     J    u  -ji.      B'e  m'  itiil  's  mo  threoir  fein  m'  earbsa  thar 

Gur  dorch   an  oidhch   is  cian  o  n  dachaidh  ,  v 

a  chorr, 

'  O  t    '  fl'  h       ■  •  ^^^  stiiiir-sa  mi, 

'     .  ^  Cha  d'fhuair  mi  annta  sl^int'  's  a  dh'aindeoin 

Ctim  cothrom  rium  is  na  foillsich  gu  leir  fiamh 

Na  tha  an  dan  dhomh,  's  leoir  learn  ceum     Riagh'l  uabhar  mi ;  na  cuimhnich  dhomh  gach 
air  cheum.  bHadhn'. 

Gu  so  bha  d'   chomhnadh  learn  sior  dhol 
am  meud, 

'Se  m'  urras  chaoidh 

Thar  creag  is  tuil  gu'n  gleidh  e  mi  gu'n  bheud 

Gu'n  treig  an  oidhch' ; 
Aig  ceann  an  roid  tha'n  fhois  air  'bheU  mi'n 

ge^U, 
Is  luchd  mo  ghaoil  a  tha  'g  am  fheitheamh 

thaU. 

TOEMAD   DoMHNUIiLAdH:. 


Aireamh  7 


1948 


Duine  crabhach 


Duine  crabhach,  air  an  robh  eagal  Dhe  maille  r^a  thigh  uile,  a  hha  a'  toirt  mdran 
ddirce  do'n  t-sluagh,  agus  a'  deanamh  iirnuigh  ri  Dia  a  ghnath. —  Gniomharan  x.  2. 


ANNS  an  ^ireamh  mu  dheireadh  bha  mi  a' 
bruidhinn  air  facail  a  tha  air  dol  sios  arms 
an  t-saoghal,  a  chionn  gu'n  do  chaill  iad  a' 
bhrigh  no  an  seagh  a  bha  annta  an  toiseach, 
agus  nach  'eil  am  meas  orra  a  bha  orra 
aon  iiair.  A  bheil  am  facal  "  crabhach  " 
am  measg  nam  facal  sin  1  Tha  mi  an  duil 
gu  bheil;  gu  bheil  daoine  a'  tuigsinn  leis 
an  fhacal  "  duine  crabhach  "  duine  de 
sheorsa  nam  Pharasach,  le  aodann  fada 
air  agus  aogas  bronach  mar  gu'm  biodh  a' 
bheatha  dhiadhaidh  'n  a  h-eire  thruim. 
Mar  sin  bhiodh  e  na  b'fhearr  dhuinn  am 
facal  so  a  thilgeadh  bhuainn,  agus  am  facal 
"  diadhaidh  "  a  chur  'n  a  aite,  oir  is  e  sin  a 
tha  air  a  chiallachadh,  gu  robh  Cornelius  'n  a 
dhuine  diadhaidh  agus  gu  robh  cleach- 
daidhean  na  diadhaidheachd  air  an  cumail 
suas  'n  a  dhachaidh.  Dachaidh  shona, 
dachaidh  air  bith  arms  a  bheil  urnuigh  air  a 
deanamh  gach  latha,  anns  a  bheil  tiodhlacan 
an  Fhreasdail  air  an  roinn  ri  daoine  uireasbh- 
uidheach,  agus  anns  a  bheU  eagal  Dhe  air 
na  parantan  agus  air  a'  chloinn. 

Tha  iomadh  rud  a  dhith  oirnn  anns  na 
laithean  so  ;  biadh  agus  gual  agus  dolair 
agus  tighean  agus  sith  na  h-Eorpa,  ach  tha 
rud  eUe  a  dhith  oirnn  na  's  motha  na  gin 
dhiubh  sin,  dachaidhean  diadhaidh  anns  a 
bheil  a'  chlann  ag  ionnsachadh  gu  nadurra 
eagal  Dhe  a  bhi  orra.  Cia  meud  dachaidh 
anns  a'  cheud  a  dh'  fhaodadh  tu  sin  a  radh 
umpa  an  diugh  ? 

Ann  an  sgoU  bheag  as  aithne  dhomh  anns 
an  robh  clann  a  seachd  teaghlaichean  deug 
dh'  fhaighnich  a'  bhan-sgoUear  a  bha  'g  an 
teasgasg  de'n  chloinn  am  biodh  an  athair  a' 
leughadh  a'  Bhioboill  dhaibh,  no  a'  deanamh 
iirnuigh  comhla  riu  air  la  seachdain  no 
Sabaid.  Cha  robh  ach  dithis  de'n  chloinn  a 
chunnaic  no  chuala  an  athair  a'  leughadh 
a'  Bhiobuill,  agus  cha  robh  gin  idir  a  chun- 
naic an  athair  air  a  ghluinean  ag  urnuigh. 
Ach  thuirt  a'  chlann  a  deich  de  na  teagh- 
laichean gu'n  robh  iad  a'  dol  do'n  sgoil 
Shabaid,  agus  gu'm  biodh  am  mathair  ag 
innseadh  naidheachdan  dhaibh  mu  Dhia 
agus  mu  Chriosd  agus  mu  loseph,  agus  a' 


toirt  orra  a  bhi  samhach  an  uair  a  bhiodh 
urnuigh  no  searmon  air  an  Radio.  Thuirt 
balach  beag  laghach  rithe,  aois  sheachd 
bliadhna,  gu  robh  esan  'n  a  "  bhalach 
maith  "  a  chionn  gu'm  biodh  e  a'  cur.  dheth 
a  bhoineid  an  uair  a  bhiodh  Duine-an-  Radio 
a'  bruidhinn  ri  Dia. 

Ach  b'  fhearr  do'n  bhan-sgoilear  na'n 
d'  fhan  i  gun  an  rannsachadh  ud  a  dheanamh, 
oir  ghabh  cuid  de  na  parantan  an  cuthach 
dearg,  ag  radh  nach  b'e  a  gnothuch-se 
ciod  a  bha  iadsan  a'  deanamh  'n  an  dachaidh 
fhein,  no  cia  dhiubh  bha  no  nach  robh  iad  a' 
leughadh  a'  Bhiobuill  le  'n  cloinn. 

An  dachaidh,  an  sgoil,  an  eaglais,  agus  an 
staid,  sin  na  ceithir  mathraichean-oide  aig  a' 
chloinn  an  diugh,  ach  ged  bhios  daoine  a' 
gearan  air  an  eaglais  agus  air  na  sgoilean 
agus  air  an  staid,  agus  ag  radh  nach  'eil 
iad  sgoinneil  no  coimhlionta  'n  an  obair, 
tha  barrachd  gearain  air  a  dheanamh  air 
parantan  agus  dachaidhean  na  tire.  Ciod 
air  bith  a'  chomhdhail  a  bhios  cruinn,  ma 
tha  iomradh  air  a  dheanamh  air  cloinn  agus 
air  oigridh,  cluinnidh  tu  nach  'eil  iad  air  an 
teasgasg  'n  an  dachaidhean  fhein  ann  an 
eolas  na  firinn  no  ann  an  cleachdaidhean 
diadhaidh.  Aig  a'  chotnneamh  mhoir  a 
bha  aig  boirionnaich  na  h-eaglais  ann  an 
Talla  Usher,  an  Dun-eideann,  aig  am  an 
t-Seanaidh,  thuirt  iad  anns  an  iomradh 
bhhadhnail  a  rinn  iad  air  obair  nam  ban, 
"  gu'm  faodadh  tu  a  bhi  cinnteach  anns  na 
seann  laithean  gu  'n  d'fhuair  a'  chuid  mhor 
de'n  oigridh  a  bheag  no  mhor  de  theagasg  anns  a' 
Chreideamh  Chriosduidh  o'm  parantan,  ach  an 
diugh  gur  h-annamh  a  tha  sin  a'  tachairt, 
agus  nach  e  mhain  gu  bheil  iad  aineolach  air 
a'  Bhiobull  ach  gu  bheil  mdran  dhiubh  nach 
faca  Biobull  riamh."  Och,  och  ;  Alba  bochd, 
agus  dachaidhean  truagha  ;  ach  cha  robh 
leigheas  aig  na  boirionnaich  fhein  air  tinneas 
na  h-Alba  ach  barrachd  de  dhealbhan  maith 
agus  sgriobturail  a  chur  mu  choinneamh  na 
cloinne  ann  an  tigh-nan-dealbh ! 

Cha  bhi  beatha  no  fallaineachd  gu  brath 
anns  an  eaglais  mur  bheil  beatha  agus 
diadhaidheachd    ann    an    dachaidhean    an 


DUINE  CRABHACH 


t-sluaigh,  no  mur  bheil  a'  chlann  air  an 
teasgasg  ann  an  cleachdaidhean  diadhaidh 
le  'm  parantan.  Is  rud  diomliain  e  do'n 
eaglais  no  do  mhinistearan  a  bhi  'n  dull 
gu'n  teid  aca  air  cothachadh  an  aghaidh 
na  dachaidh.  Is  e  am  blar  air  a  bheil 
baiteal  'g  a  chur  an  diugh  eadar  Dia  agus 
Mammon  air  son  anam  Bhreatuinn  dach- 
aidhean  an  t-sluaigh.  Abradh  ministearan 
agus  foirbhich,  ma  ta,  riu  fhein,  "  air  ar  son 
-ne  agus  air  son  na  tha  air  ar  taobh  anns  a' 
Chogadh  Naomh  leigidh  sinn  seachad  gach 
treathlaich  eile  ann  an  obair  na  h-eaglais 
los  gu'm  bi  uine  againn  dol  do  dhachaidhean 
an  t-sluaigh  a  Luan  's  a  Shathurna  agus 
gach  la  eile  de'n  t-seachduin." 

Ged  tha  aingidheachd  agus  dimeas  air 
lagh  agus  aithntean  Dhe  air  eirigh  gu  airde 
eagalach  anns  an  dtithaich  so  o  chionn 
bhliadhnachan,  agus  goid  is  neo-bheusalachd 
agus  ain-diadhaidheachd  a  chuireas  naire 
ort,  feumar  a  chuimhneachadh  gu  bheil 
muilleanan  de  dhaoine  anns  an  duthaich  so 
fhathast  air  a  bheil  eagal  Dhe  agus  a  tha  a' 
deanamh  tirnuigh  le'n  cloinn  a  ghnath.  Sin 
na   dachaidhean  as   fhiach    "dachaidh"   a 


radh  riu  ;  chan  'eil  anns  an  t-seorsa  eile 
ach  tighean-comhnuidh  no  tighean-fasgaidh 
far  am  bi  daoine  ag  itheadh  agus  ag  ol 
agus  a'  cadal. 

Air  cho  bochd  agus  lom  's  'g  am  bi  an 
dachaidh  anns  a  bheil  clann  air  an  togail 
bidh  i  'n  a  dachaidh  shona  ma  tha  gaol  agus 
urnuigh  innte  agus  parantan  diadhaidh. 
Tha  e  nadurra  do  chloinn  creideamh  a  bhi 
air  a  lasadh  'n  an  cridheachan  oga  ma  tha 
parantan  diadhaidh  aca,  oir  chan  ann  le 
teagasg-bhriathran  no  le  leasan-cinn  a  tha 
sinn  air  ar  tarruing  gu  Dia  ach  le  gaol  agus 
urram  agus  iimhlachd,  an  gaol  agus  an 
t-urram  agus  an  umhlachd  a  tha  sinn  a' 
toirt  do  pharantan  a  tha  gaolach  agus 
diadhaidh  iad  fhein. 

Theid  aig  mathair  ghaolach  gun  sgoil  air 
a  mac  a  chur  air  oheann  na  slighe  gu  neamh 
mar  nach  urrainn  na  Professors  ann  an 
Talla  na  Diadhachd  a  dheanamh. 

Nach  sona  an  dachaidh  anns  a  bheil 
leithid  Chorneliuis,  ach  nach  truagh  a' 
chlann  nach  faca  an  athair  riamh  air  a 
ghliiinean ! 


Mu  Chalum-Cille 

Leis  an   Urramach  Calum  MacGilleathain,  M.A.,  Conan 


B'  e  Aindreas  br^thair  Pheadair,  agus  bha  iad 
le  cheile  'nan  abstoil.  Thainig  Aindreas 
gu  bhith  air  ainmeachadh  san  Eaglais  an 
comh-cheangal  ri  Alba  ;  agus  tha  ainm  air 
aon  de  bhailtean  ar  dtithcha  air  an  robh 
Cill  Riomhainn  aig  na  Gaidheil,  St.  Andrews 
gu  cumanta  nis.  Ged  nach  'eil  fhios  buileach 
ce  mar,  tha  fios  na's  fhearr  car  son  a  thainig 
cliii  an  abstoil  so  gu  bhith  an  taice  ri  Alba. 
Is  e  tha  sin  ceum  de  eachdraidh  na  Eaglaise 
'nar  tir.  Ach  is  e  an  ni  tha  air  m'aire  an 
nochd  gum  b'e  Calum-CiUe  an  naomh  a  bha 
an  tus  eachdraidh  'na  "  Patron  "  an  Alba. 
Agus  is  ann  mu  Chalum-Cille  bu  mhaith 
leam  beagan  a  sgriobhadh. 

Ged  a  bhios  ar  caraid  foghluimte,  an  t-OU. 
CoUa  Domhnullach,  gu  minic,  a'  toirt 
iomradh  air  Ithe  tha  fhios  aige  fhein  gur 
beag  lorg  a  dh'fhag  na  linntean  deireannaoh 
air  Calum-Cille  san  eilean  bheag  ^luinn  a 
rinn  e  'na  ionad  ion-mhiannaichte  anns  a' 
Chriosdachd.  Thug  feadhainn  a  mhuinntir 
Ithe  aiseag  do  chuairtear  araidh,  o  nach 
'eil  ro-fhada,  agus  thuirt  fear  de'n  sgioba 
ris  nach  robh  e  fhein  a'  creidsinn  gun  robh 
a  leithid  de  dhuine  is  Calum-Cille  riamh  ann ! 
0  nach  'eil  fada,  rithist,  bha  coinneamh 
popuUl  am  baile  an  Leodhas,  agus  iad  a 
taghadh  teachdaire  Parlamaid.     "  De,"  arsa 


a'  bhean  ri  fear  de  na  fir,  "a  bha  e  ag 
radh  ?  "  "  Is  coma  sin.  Bha  e  bruidheann 
air  bodach  a  bha  am  Muile,  o  chionn  tri 
ceud  bliadhna,  air  an  robh  Calum-Cille." 

Rugadh  Calum-Cille  an  Eirinn  anns  an 
linn  anns  an  do  dhealraich  solus  mor  san 
tir  sin,  "  Solus  eolais  an  De  Ghloir-mhoir 
ann  an  gnuis  losa  Criosd."  Rugadh  e 
uasal  is  thogadh  e  uasal,  oir  is  ann  de 
shliochd  nan  Ard-righrean  Gaidhealach  a 
bhuineadh  e,  agus,  gun  amharus,  bha  a 
bhuil  sin  riamh  air.  Thainig  e  gle  og  fo 
chilram  agus  chuir  e  aghaidh  air  seirbhis 
an  Tighearna.  Agus  o'n  uair  sin  fhuair 
e  ainm  ur,  no  leus-ainm,  no  far-ainm,  a  lean 
riamh  ris  agus  a  chuir  gach  ainm  eile  bha 
air  air  chiil,  Colum-Cille  no  "  caluman  (an 
t-eun  coir  sin)  na  h-eaglaise."  Ach  ged  a 
tha  deagh  fhios  gun  robh  ni-eigin  'na  nadur, 
no  ni-eigin  ann  a  thainig  air  mar  ghras,  a 
dh'  fhag  an  t-ainm  sin  air  bha  tuilleadh  ann. 

Is  ann  anns  an  sgoil  aig  Finnein  a  fhuair 
e  trian  de  oilean,  oir  b'e  beachd  nan  Gaidheal 
o  thus, 

"  Cha  deanar  ministear  gim  fhoghlum, 
'S   cha  dean  foghjum  ministear." 

Bha  iomadh  sgoil  mhor  mhaith  air  ur-dhol 
suas  an  Eirinn  san  linn,  ach  bha  sgoil  Chluain 


MU  CHALUM-CILLE 


lorard  ro-aiBmeil  agus  thugadh  "  Oide 
Naomh  na  h-Eireann  "  air  Finnein.  (Cha 
nar  do  Chlann  Ghille-Fhinnein  an  sloin- 
neadh !)  Ach  mu'n  robh  Colum-Cille  deich 
bliadhna  fichead  a  dh'aois  bha  muinntir 
is  sgoil  aige  dha  fhein  agus  sin  an  Doire, 
no  Doire  Choluim-Cille,  arms  an  aite  air 
a  bheil  Londonderry  aig  luchd-Beurla  nis. 
Ach  cha  bu  leoir  sin  leis,  agus  chuir  e  suas 
,  a'  Bhratach  an  caochladh  aitean  eile  an 
Eirinn.  Agus  mu  dheireadh  dh'fhag  e 
Eirinn  agus  sheol  e  gu  ruige  Ithe  far  an  do 
chuir  e  aobhar  air  chois  a  b'iomraidiche  na 
each  eile  aige  uile. 

De  a  thug  air  Eirinn  fhagaU  ?  Is  docha 
nach  b'e  aon  rud  a  rinn  sin,  no  eadhoin  da 
rud  ;  ach  tha  da  aobhar  ann  is  aithne  dhuinn. 
Bha  rioghachd  bheag  air  taobh  siar  Alba  a 
bhuineadh  do  dhaoine  Eireannach,  Gaidlieil 
a  thainig,  o  nach  robh  fada,  a  nail  thar 
Sruth  na  Maoile.  Cha  robh  Calum-Cille 
gun  daimh  agus  gun  cheangal  riubha.  Bha 
iad,  'na  latha,  an  seorsa  de  chruaidh-chas 
agus  na  h-Albannaich  'gan  cumail  fo  smachd. 
Is  docha  gun  do  shaoU  Calum-ciUe  nach  bu 
nihisde  iad  ceann  is  comhairle.  Agus  bha 
iad  gun  colas  an  t-soisgeil.  Ehuair  iad  an 
soisgeul ;  agus  fhuair  iad  ceann -iiiil  a  bha 
foghainteach  an  latha  rainig  an  duine  so 
Ithe.  Ach  is  e  an  t-aoghar  eile  as  trice  a 
thug  na  sean-seanchaidhean  air  an  iomraich 
so.  Dh'eirich  comhstri  eadar  Finnein  agus 
Calum-Cille  mu  leabhar,  De  a  bha  ann 
ach  coipi  a  rinn  Calum-CUle,  gun  chead, 
air  leabhar  a  bu  le  Finnein.  Bha  an  t-urra,m 
aig  Calum-CUle  'na  Hnn  mar  an  lamh  bu 
ghrinne  sgriobhadh.  Thagair  Finnein  a 
choir  air  an  leabhar  agus  dhiult  am  fear 
eile  an  leabhar  a  thoirt  dha,  eadhoin  an 
coipi.  Thugadh  sgoilear  so  fainear.  Cha 
b'ann  gu  Pap  no  gu  Ard-easbuig  a  thogadh 
a'  chuis,  a  nis,  ach  gu  Ard-righ  Eireann  air 
an  robh  Diarmaid!  Agus  b'i  breith  Dhiar- 
maid  gum  bu  le  Finnein  an  coipi ;  agus  so 
mar  a  chuir  esan  e, 

"  Is  le  gach  bo  a  bothain  "  (laogh). 

Dhiult  Calum-CUle  gabhail  ris  a'  bhinn 
agus  dh'  iarr  e  cuideachadh  o  a  luchd-daimh 
a  reir  na  feola  agus  dh'eirich  iad  sin  fo 
armaibh  air  a  sgath  ;  agus  chuireadh  cath 
fuilteach  an  Eirinn  air  an  tugadh  Cath  Ciiil 
Dreimhne.  Ghabh  Calum-CiUe  an  t-aith- 
reachas ;  agus  dh'fhag  e  Eirinn  a'  cur 
roimhe  gun  cosainneadh  e  urrad  eile  de 
dhaoine  agus  a  chaidh  a  dhith  latha  chatha. 

Ann  an  uine  ghearr  dhealraich  solus  air 
taobh  siar  Alba  agus  sgaoil  an  solus  air 
feadh  Alba  uUe,  an  aitean  anns  an  robh 
solus  a  cheana  agus  an  aitean  anns  nach 


robh  leas  idir  dheth.  Agus  chaidh  an  solus 
sin  a  deas  air  a'  chrich  Shasannaich  agus 
air  feadh  Ceann  an  Ear-thuath  na  tir  sin. 
Cha  toigh  le  luchd  eachdraidh  a  bhith  'ga 
innse,  nan  leabhraichean  sgoile,  ach  is  ann 
as  a'  Gh^idhealtachd,  eadar  Eirinn  is  Alba, 
a  thainig  an  soisgeul  gu  iomadh  baile  is 
buidheann,  anns  an  linn  so,  an  Sasairm, 
agus  eolas  is  sgoil  is  beus  is  beannachd  nach 
b 'aithne  dhaibh  roimhe.  Chaidh  prionnsa 
aca,  Edwin,  a  thogail  an  Ithe  agus  thainig 
crun  Northumbria  air  an  deigh-laimhe ! 
Thug  e  Gaidheil  a  Ithe  le  "  muinntir  "  agus 
chaidh  an  suidheachadh  an  Landisfarne, 
no  "an  t-Eilean  Naomh,"  air  oirthir  an  Ear- 
thuath  na  tire  sin.  Chaidh  prionnsa  eile 
as  an  dearbh  roinn  sin  gu  ruige  Eirinn.  Thog 
e  fhein  a'  GhaidhHg  agus  a  reir  seanchais, 
is  e  Alfred  so  a  thuirt, 

Fhuair  mi  na  h-aoisean  an  onair, 
Eirinn  aig  luchd  an  t-seanchais  ; 
Gach  maith,  gach  tairbhe  gu  mo  leas 
Is  ann  air  Banbha  a  tha  ainm  air ! 

Bha  Eirinn  cho  ard  an  cUii  ajins  an  linn 
so  agus  gun  tugadh  oirre  "  Eilean  nan 
naomh  agus  nan  oUamh."  Rainig  am 
buaidh  agus  am  beannachd  air  Alba  agus 
air  Sasainn  agus  air  lar-thir  na  Roinn-Eorpa 
gu  leir.  Bha  a'  Ghaidhealtachd  'na  bean- 
nachd an  uair  sin.  De  an  seorsa  duine  a  bha 
an  Calum-CUle  ?  Duine  ard,  fearaU,  fin- 
nealta,  le  stiUean  gorma  agus  le  fait  buidhe, 
direach  air  an  alt,  agus,  mar  a  chanas  iad 
sa'  Bheurla,  "  Every  inch  a  king." 

Agus  cha  bu  mhisde  e  sin,  anns  an  latha 
anns  an  amhairceadh  duine  ri  a  leithid  sin. 
Bha  e  furasda  is  nadurrach  dha  a  bhith  air 
a  lan-dhoigh,  agus  aig  an  tigh,  cuide  ri 
righrean  de  gach  seorsa.  Bha  e  cho  maith 
ri  fear  air  bith  aca  !  Agus  air  son  na  codach 
eile  dheth,  mar  dhuine,  bha  e  air  leth 
Gaidhealach.  Bha  e  Ian  de  ghradh  do  a 
dhaoine  fhein.  Bha  e  'na  bhard  barraichte, 
agus  is  ann  air  a  dh'fhagadh  na  facaU  so, 

"Gaidheal!    Gaidheal!   ionmhainnainm." 

Agus,  ni  Gaidhealach  eUe,  bha  ceangal 
laidir  aige  ri  Aitean  4raid.  Bha  aite  mor  na 
bheatha  aig  cr^bhadh.  B'  e  seirbhis  Chriosda 
a  bhiadh  is  a  dheoch.  Bha  meas  mor  aige 
air  oUean  is  foghlum.  Bu  toigh  leis  a'  choir 
agus  ceartas,  agus  bha  fuath  aige  do'n  eu- 
ceartas.  Bha  e  fearaU,  bha  e  duineU ;  agus 
bha  e  cho  soUleir  anns  an  diadhachd  agus 
gu  bheU  e  air  aireamh  an  triuir  is  mo  cHu 
a  thog  na  G^idheU  riamh. 

Fhad  agus   a   bhios  lorg  air  eachdraidh 
na  h-Eaglais  an  Alba  bidh,  aite  cinnteach 
aig    EUean    Ithe    san    t-seanchas,  agus  aig , 
"  Aba   High   mor  gr^s." 


Anns  a'  Chathair 


BHA  m'  athair  agus  mo  mhathair  'n  am 
parantan  glic  agus  caomjiail,  curamach 
mu  theagasg  agus  mu  thogail  an  teaghlaich 
amis  an  eolas  Chriosduidh,  agus  am  measg 
gach  rud  eile  a  dhearg  iad  air  ar  n-inntiimeau 
oga,  dhearg  iad  so  orra,  gu  bheil  peanas 
uamhasach  a'  feitheamh  air  droch  dhaoine 
an  deidh  am  bais.  Bha  iad  fhein  'g  a  chreid- 
sinn  so  le'n  uile  chridhe,  bha  na  coimh- 
earsnaich  uile  'g  a  chreidsinn,  agus  na 
ministearan  uUe  'g  a  shearmonachadh ; 
Eachann  Mac  Fhionghuin  agus  D.  T.  Mac 
Aoidh  'g  a  shearmonachadh  cho  dtirachdach 
agus  cho  laidir  's  gu'm  feumadh  duine  a 
bhi  gu  maith  cruaidh  mur  tigeadh  crith  air. 
Tha  cuimhne  agam  fhathast  air  searmon  a 
chuala  mi  'n  am  bhalach  o  Mhgr  Mac  Aoidh 
air  a'  cheann-theagaisg  "  Tha  an  daidheamh 
air  a  gheurachadh  agus  tha  e  air  a  Uomhadh, 
gu  thoirt  do  laimh  a  mharbhaiche.  Eigh 
agus  nuallaich,  a  mhic  an  duine,  oir  bidh  e 
air  mo  shluagh-sa,  air  uile  mhdr-uaisUbh 
Israeil ;  bidh  uamhasan  do  thaobh  a'  chlaidh- 
eimh  air  mo  shluagh  :  buail,  uime  sin,  air 
do  leis."  (Eseciel  xxi.  11-12),  a  chuir  uiread 
eagail  orm  's  gu'n  deachaidh  mi  a  mach  an 
deidh  dol  dhachaidh  as  a'  choinneamh  a 
shealltainn  air  an  speur  feuch  an  robh  a 
choslas  oirre  gu'm  biodh  la  a'  bhreitheanais 
ann  o  mhaduinn. 

Ged  bhitheamaid  a'  cluinntinn  an  fhacail 
ifreann  anns  an  eaglais  tha  mi  'n  diiil  nach 
cuala  mi  riamh  e  anns  an  tigh  againn  fhein  ; 
's  e  an  teine-mor  no  an  loch-theine,  no  an 
t-aite  dona,  a  bhiodh  aig  mo  mhathair  air, 
nuair  a  bhiodh  i  ag  innseadh  dhuinn  ciod  a 
thachradh  do  chloinn  a  bhiodh  ag  innseadh 
bhreug,  no  nach  biodh  laghach  ri  cloinn 
eile,  no  bhiodh  a'  salachadh  am  bilean  le 
droch  chainnt,  no  bhiodh  a'  magadh  air 
truaghain  no  a'  goirteachadh  chreutairean 
air  bith  a  chruthaich  Dia,  no  a'  deanamh 
dad  eile  nach  robh  Criosd  agus  Facal  Dhe  a' 
ceadachadh.  B'e  a'  bhuaidh  a  bha  aig  an 
teagasg  so  oirnn,  gu  robh  Dia  ann  an  cuid  d' 
ar  smuaintean  co  dhiubh  ;  gu  robh  sinn 
furachail,  agus  'n  ar  doigh  leanabail  fhein 
a'  faireachduinn  gu  robh  sina  fo  lagh,  agus 
a'  striochdadh  do  lagh  agus  do  Neach  a 
b'  airde  na  sinn  fhein.  Cha  chuimhne  leam 
an  t-am  nach  robh  mothachadh  peacaidh 
agam,  a  chionn  gu  robh  e  air  a  theagasg 
dhomh  o  m'oige  gu  bheil  Dia  naomh,  naomh, 
naomh,  agus  gu  bheU  e  a'  toirt  breith  air 
droch  dhaoine  agus  'g  am  peanasachadli. 
Agus  cha  mho  a  bha  teagamh  air  bith  agam 
nach  robh  mi  toOltinneach  ar  peanas,  no  gu  'n 


robh  Dia  an-iochdmjior  ann  a  bhi  a'  cur 
cloinne  do'n  loch-theine  a  chionn  gu'n 
d'innis  iad  breug.  Cha  do  shocruich  m' 
inntinn  air  laghaireachd  de'n  t-seorsa  sin  gu 
iomadh  bliadhna  an  deidh  dhomh  an  sgoil 
fhagaU. 

A'  puinnseachadh  na  h-inntinn 

Ach  tha  moran  dhaoine  an  diugh  (pro- 
fessors agus  daoine  eagnaidh,  luchd-tea- 
gaisg,  agus  gu  sonraichte  psychologists)  a' 
cumail  a  mach  gu  bheil  e  a'  deanamh  cron 
do  chloinn  agus  a'  puinnseachadh  an  inntinn 
a  bhi  a'  teagasg  dhaibh  gu'n  teid  iad  do'n 
droch  aite  a  chionn  gu'n  do  rinn  iad  gniomh 
olc,  no  cealgach,  no  leibideach,  agus  nach 
tig  as  ach  gu'n  gabh  iad  grain  air  Dia,  agus 
nach  creid  iad  anns  a'  chuid  eile  de  theagasg 
na  h-eaglais  an  uair  a  gheibh  iad  a  mach  an 
deidh  laimhe  nach  'eil  na  theagaisgeadh 
dhaibh  mu'n  loch-theine  fior.  Tha  sin 
reusonta  gu  leor,  agus  theagamh  gu  bheil  bun 
de'n  fhirinn  ann,  ach  air  a  shon  sin,  an  uair 
a  sheallas  mi  air  m'  ais  air  cursa  mo  bheatha 
fhein  agus  air  na  ceumannan  a  chaidh  m' 
inntinn  agus  m'  fhiosrachadh  spioradaU 
troimhe  o  m'  oige  gu  m'  aois,  tha  fhios  agam 
cho  cinnteach  's  a  tha  am  peann  'n  am 
laimh  nach  do  rinn  an  t-eagal  a  bha  agam  'n 
am  oige  roimh  'n  loch-theine  an  cron  a  bu 
lugha  dhomh,  agus  an  aite  mo  ghratneachadh 
air  Dia,  gu'n  do  dhuisg  e  'n  am  chridhe 
eagal  diadhaidh  nach  do  dhealaich  riamh 
rium. 

A  thaobh  nam  beachdan  a  tha  agam  mu 
fhas  na  h-inntinn  agus  mu  fhas  an  anama, 
tha  mi  fada  fada  o  bhi  cho  cinnteach  asam 
fhein  "s  a  tha  na  psychologists  no  na  daoine  a 
bhios  a'  cur  chugainn  o  121  Sraid  Sheorais 
duilleagan  beaga  snog  mu  theagasg  na  cloinne 
anns  an  sgoil  Shabaid,  mar  gu'm  biodh 
eagal  orra  gu'n  cuireamaid  cogal  agus 
carran  agus  diogain  ann  an  ceann  na  cloinne 
an  aite  sil,  agus  mar  sin  gu'm  puirinseanaich- 
eamaid  an  inntinn.  Ach  is  e  an  fhirinn  nach 
'eil  e  furasda  inntinnean  anns  a  bheil  tlus 
nadurra  a  mhilleadh,  oir  tha  stuth  diomhair 
annta  fhein  a  mharbhas  am  puinnsean  a 
chuir  ear  annta,  mar  a  thilgeas  tunnag  an 
t-uisge  bharr  a  droma.  Theid  aig  an  t-seillean 
air  mil  a  thoirt  a  luibhean  a  tha  sinne  a' 
cunntas  searbh  is  cunnartach,  agus  is  maith 
an  gnothuch  gu  bheil  a  cheart  ni  fior  mu 
chlann-daoine ;  gu'm  faigh  clann  Homeir 
(an  sliochd  anns  a  bheil  fallaineachd  gu 
nadurra)  biadh  agus  mil  ann  an  teasgasg 
agus  ann  am  beachdan  a  bhiodh  'n  a  phuin- 


ANNS  A'  CHATHAIR 


nsean  do  na  daoine  aig  a  bheil  inntinn-mhaol 
ach  a  tha  maith  air  tomhas  le  troigh  agus 
meidh. 

Chan  'eil  mi  an  duil,  ma  ta,  gu'm  biodh 
e  'n  a  bhuannachd  air  bith  do'n  eaglais, 
no  do'n  diadhiadJieachd,  no  do  bheatha 
mhoralta  dhaoine,  na'n  stadadh  math- 
raichean  de  bhith  ag  innseadli  d'  an  cloinn 
mu'n  aite  eagallach  a  tha  a'  feitheamh  air 
daoine  olc  agus  air  clann  eas-umhail  anns 
an  ath  shaoghal,  no  na'n  stadadh  luchd- 
teagaisg  anns  an  sgoil  Shabaid  de  naidh- 
eachdan  a'  Bhiobuill  a  theagasg  grw  litireil, 
an  cunntas  a  gheibhear  ann  an  Genesis 
air  a'  Chruthachadh,  air  Adhamh  agus 
Eubh,  an  comhradh  a  bha  eadar  Eubh  agus 
an  Nathair,  Noah  agus  an  Tuil,  agus  naidh- 
eachdan  eile  mar  sin.  Thig  an  t-am  anns 
an  toisich  na  seann  searragan  air  briseadh, 
agus  am  feumar  am  fion  a  chur  ann  an 
soithichean  as  laidire,  ach  gus  an  tig  e  cha 
dean  naidheachd  air  bith  no  dealbh  air 
bith  anns  a'  Bhiobull  cron  dhuit  a  ghabhail 
gu  litireil,  mar  a  rinn  moran  de  na  daoine  a 
bu  diadhaidhe  a  bha  riamh  air  thalamh.  Bu 
bhochd  agus  bu  chumhann  agus  bu  lom  an 
saoghal  e  mur  faiceadh  daoine  an  drasd 
agus  a  rithist  Dia  a'  dol  a  mach  ann  am 
morachd  a  neirt,  a'  marbhadh  agus  a' 
toixt  beo  ;  mur  faiceadh  iad  a'  ghrian  a' 
seasamh  os  cionn  a'  ghlinne,  na  beanntan  a' 
leumartaich  agus  a'  bualadh  am  basan, 
feachd  ainglean  a'  seinn  anns  an  iarmailt, 
agus  ainglean  eile  a'  cur  cabhaig  air  Lot 
agus  e  a'  teicheadh  a  bailtean  a'  Chomhnaird 
gu  Soar. 

Tosdachd  na  h-Eaglais 

Anns  na  laithean.  so  cha  chluinn  thu  ach 
gle  bheag  air  a  radh  mu  ifreann  ann  an 
cubaidean  na  h-eaglais,  ma  chluinneas  tu 
dad  idir,  agus  bhiodh  e  duilich  a  radh  ciod 
a  tha  muinntir  na  h-eaglais  a'  creidsinn 
uime.  Ach  chan  'eil  so  a'  ciallachadh  nach 
'eil  iad  a'  creidsinn  ann  an  ifreann,  ged  nach 
'eil  e  furasda  dhaibh  na  beachdan  a  tha 
aca  mu  thuarasdal  a'  pheacaidh  no  mu'n 
pheanas  a  tha  a'  leantuinn  a'  pheacaidh  anns 
an  ath  shaoghal  a  dheanamh  soilleir  dhaibh 
fhein  no  do  dhaoine  eile.  Chan  'eil  e  a' 
ciaUachadh  ach  nach  'eil  iad  a'  smuaineach- 
adh  air  ifreann  air  mhodh  talmhaidh  agus 
litireil  mar  kite  anns  am  bi  cuirp  dhaoine 
air  an  losgadh  agus  a'  fulang  piantan 
eagaUach  gu  siorruidh  ann  an  slochd  no 
amhuinn-theine  agus  pronnuisc,  gun  dochas 
ri  faochadh  no  faotainn  as  gu  brath.  Chan 
'eil  an  t-ifreann  sin  'n  a  chreideamh  beo 
aig  moran  dhaoine  an  diugh  ;  ged  nach  bi 
iad  ag  radh  dad  'n  a  aghaidh  am  fbllais  ri 


daoine  eile,  chuir  iad  a  mach  as  an  inntinn 
fhein  e  a  chionn  gu  bheil  e  a'  toirt  oilbheum 
d'  an  reuson,  d'  am  faireachduinn,  d'  an 
coguis,  agus  gu  sonraichte  do  na  beachdan 
a  tha  aca  mu  Dhia. 

Tha  iomadh  aobhar  a'  comh-oibreachadh 
le  cheile  anns  an  atharrachadh  a  thainig  air 
beachdan  dhaoine  a  thaobh  ifrinn,  ach  is  e  an 
t-aobhar  as  laidire  gu  bheil  iad  a'  smuaineach- 
adh  air  '  Dia  mar  Athair  caomhail  agus 
truacanta  nach  tugadh  air  creutair  truagh 
piantan  uamhasach  fhulang  gu  siorruidh 
air  son  peacadh  timeil.  Tha  iad  cinnteach 
nach  deanadh  duine  maith  sin,  agus  cha 
chreid  iad  gu'n  deanadh  Dia  rud  an-iochd- 
mhor  nach  deanadh  duine  maith.  Theagamh 
gu  bheil  cuimhne  aig  ar  luchd-leughaidh 
air  an  fhacal  a  thuirt  Iain  Stiubhart  Mill, 
"  Chan  abrainn  gu  bheil  Dia  maith  mur 
bheil  e  maith  anns  an  doigh  anns  am  bi 
sinn  a'  bruidhinn  mu  dhuine  maith,  agus 
ma  chuireas  e  dh'ifreann  mi  air  son  so  a 
radh,  cuireadh  e  ann  mi." 

Ach  chan  'eil  an  so  ach  guth  arfaireachduin, 
bunait  a  tha  cho  neo-sheasmhach  's  nach 
h-urrainn  dhuit  togail  oirre.  Co  bu  chaomh- 
aile  no  bu  truacanta  na  Criosd,  an  Dia-dume, 
ach  is  esan  a  labhar  na,  briathran  as  eagala- 
iche  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  mu  ifreann. 

Na  biodh  eagal  na  muinntir  sin  oirbh  a 
mharbhas  an  corp,  ach  aig  nach  'eil  comas 
an  t-anam  a  mharbhadh,  ach  biodh  eagal 
an  Ti  sin  oirbh  as  urrainn  an  corp  agus 
an  t-anam  a  mhilleadh  ann  an  ifrinn. 

Fhuair  e  bas,  agus  ann  an  ifreann  thog 
e  suas  a  shuilean,  agus  air  dha  bhi  ann 
am  piantan,  ghlaodh  e  agus  thubhart  e, 
Athair  Abrahaim,  dean  trdcair  orm,  agus 
cuir  Lasarus  chum  gu'n  tiim  e  barr  a' 
mhedir  ann  an  uisge,  agus  gu'm  fuaraich 
e  mo  theanga,  oir  tha  mi  air  mo  ro 
phianadh  anns  an  lasair  so. 

An  sin  their  e  riusan  air  an  laimh  chll, 
Imichibh  nam,  a  shluagh  mallaichte,  dh' 
ionnsuidh  an  teine  shiorruidh  a  dh'  ullaich- 
eadh  do'n  diabhol  agus  d'a  ainglean. 

Diomhaiieachd  mhor 

Faodaidh  tu  na  briathran  sin  a  locrachadh 
agus  a.  liomhadh  gus  an  dean  thu  iad  cho 
min  agus  cho  tana  's  is  maith  leat  fhein, 
faodaidh  tu  a  radh  nach  'eil  annta  ach 
samhlaidhean  agus  dealbhan,  ach  ma  tha 
sradag  bheag  'n  ad  chridhe  de  chreideamh 
ann  an  Criosd,  no  earbsa  'n  a  fhacal,  chi  thu 
annta  agus  cluinnidh  tu  annta  uamhas 
nach  gabh  toirt  asda.  Co  a  ghabhadh 
air  fhein  a  radh  gu  bheil  na  beachdan  a  tha 
aig  a'  ghineal  aotrom  is  luaineach  so  a  thaobh 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR 


ifrinn  (an  aon  ghineal  as  toilltinniche  air 
ifreann  a  bha  riamh  ann)  na's  cothromaiche 
na  beachdan  agus  teagasg  Chriosd! 

Is  diomhaireachd  mhor  a  tha  anns  a' 
bheatha  shiorruidh  agus  anns  an  t-saoghal 
eile,  ach  air  a  shon  sin  dheth,  tha  an  Creid- 
eamh  Criosduidh  air  a  ghineamhuin  ann  am 
miorbhuil  agus  ann  an  diomhaireachd  o 
thoiseach  gu  deireadh  ;  agus  ma  bu  mhaith 
leat  ifreann  a  chur  as  ach  neamh  a'  ghleidh- 
eadh,  cuimhnich  gu  bheil  thu  'n  ad  sheasamh 
air  cloich  shleamhain,  oir  chan  'eil  ann  an 
neamh  is  ifreann  ach  an  da  thaobh  de  'n 
aon  fhirinn,  firinn  a  tha  cho  buan-mhairean- 
nach  ri  righ-chathair  Dhe. 

Chan  e  an  reuson  no  an  coguis  a  thug  air 
daoine  an  cluasan  a  dhunadh  an  aghaidh 
teagasg  na  h-eaglais  mu  ifreann  ach  na 
nithean  fiadhaich  agus  borb  a  bhiodh  cuid 


de  mhinistearan  ag  radh  uime  los  peacaich  a 
ghluasad  gu  aithreachas.  . 

Bu  mhaith  an  duine  Tomas  Aquinas, 
agus  bu  shoilleir  agus  laidir  an  inntinn  a  bha 
aige,  ach  thuirt  e  so,  "  Los  gu'm  biodh 
cupan  sonais  nan  nfiomh  Ian  agus  a'  cur 
thairis,  bithidh  sealladh  aca  air  piantan 
agus  fulangas  nan  aingidh  ann  an  ifreann." 

Nach  fhada  sin  o  inntinn  Walter  C.  Smith 
anns  an  dan  a  rinn  e,  "  Agus  bha  na  h-aing- 
lean  uile  'n  an  tosd." 

Buinidh  eagal  agus  ifreann  do  theagasg  a' 
Bhiobuill  cho  cinnteach  's  a  bhuineas 
neamh  agus  gradh.  "  Uime  sin  air  dhuinne 
rioghachd  fhaotainn  nach  faodar  a  ghluasad, 
biodh  againn  gras,  leis  an  dean  sinn  seirbhis 
gu  taitneach  do  Dhia,  le  urram  agus  eagal 
diadhaidh.  Oir  tha  ar  Dia-ne,  'n  a  theine 
dian-loisgeach." 


An  t-Ard-Sheanadh 


THAINIG  agus  dh'  fhalbh  Ard  Sheanadh 
no  bliadhna  so,  a  bha  cruinn  an  Dim-eideann 
o'n  ochdamh  la  deug  gus  an  t-siathamh  la 
fichead  de'n  Mhagh,  agus  ministear  Gaidh- 
ealach  anns  a'  Chathair,  an  t-Ollamh 
Alasdair  Domhnullach,  an  Eaglais  Chaluim- 
cille  an  Glaschu. 

Thainig  moran  ghnothuichean  air  beulaibh 
an  t-Seanaidh  a  thaobh  obair  na  h-eaglais, 
ach  ged  tha  an  obair  sin  a'  dol  air  aghaidh 
gun  sgur  chan  'eil  sinn  a'  faicinn  miorbh- 
uilean  no  comharaidhean  'g  a  leantuinn,  agus 
chan  urrainnear  a  radh  ach  gu  bheil  an 
eaglais  le  eigin  a'  cumail  a  h-aite-seasaimh. 

Bha  Seoras  Mathers,  M.P.,  air  ais  am 
bhadhna  a  rithis  mar  theachdaire  o'n  righ, 
agus  mar  is  fhearr  is  aithne  do'n  t-Seanadh 
e  is  ann  as  motha  am  meas  air.  Chuir  e 
seachad  cuid  mhaith  d'a  iiine  a  h-uile  latha 
ag  eisdeachd  ris  an  iomradh  a  bha  air  a 
dheanamh  air  obair  na  h-eaglais  aig  an 
tigh  agus  anns  na  diithchanna  thall.  Tha 
e  'n  a  aon  de  fhoirbhich  na  h-eaglais  e 
fhein. 

Tha  uiread  iomraidh  air  a  dheanamh  air 
na  gnothuichean  a  bha  air  beulaibh  an 
t-Seanaidh  aims  na  paipearan-naidheachd 
agus  aims  na  duilleagan  Beurla  aig  "  Beatha 


agus  Obair  "  's  nach  ruig  mi  a  leas  an  ath 
iomradh  a  dheanamh  orra  anns  na  duilleagan 
Gaidhlig  so. 

Bha  e  air  innseadh  anns  an  t-Seanadh 
nach  'eil  ach  aon  no  dha  de  ghillean  oga 
anns  an  t-sealladh  air  son  na  ministrealachd 
ann  an  eaglaisean  Gaidhealach,  agus  chuir 
an  Seanadh  Commission  air  chois  a  rannsach- 
adh  ciod  a  ghabhas  deanamh  anns  a'  chuis  so. 

Bha  bruidhinn  anns  an  t-Seanadh  air 
an  obair  a  tha  an  t-Ollamh  Mac  Leoid 
agus  a  Chuideachd  a'  deanamh  ann  an 
eilean  I,  agus  thug  an  Seanadh  a  bheannachd 
dhaibh  agus  misneach  dol  air  an  aghaidh. 

Rinn  an  t-Ollamh  Alasdair  Domhnullach 
a  chuid  fhein  a  dh'  obair  an  t-Seanaidh  gu 
pongail  agus  gu  h-uasal,  a'  fireanachadh 
meas  a  sheana  chairdean  air,  agus  a'  cosnadh 
dha  fhein  cairdean  tira. 

B'e  Aonachd  na  Ji- Eaglais  an  cuspair 
air  an  do  labhair  e  ri  buill  an  t-Seanaidh  an 
oidhche  mu  dheireadh  a  bha  iad  cruinn. 
Tha  e  'n  a  chleachdadh  oraid  a'  Mhoderator 
a  bhi  air  a  cur  an  clodh,  ach  tha  mi  an 
dochas  gu'n  cuirear  oraid  na  bhadhna  so  an 
Gaidhlig  cho  maith  's  ann  am  Beurla,  los 
gu'n  leugh  muinntir  Uidhist  i  'n  an  cainnt 
fhein. 


Aig  an  Uinneig 


Gainne  mhinistearan 

MA  sheallas  tu  air  na  paipearan  so.  An 
UAlhannach  agus  Herald  Ghlaschu,  la  air 
bith  de'n  t-seachduin  chi  thu  annta  aon  de 
na  h-aobharan  nach  'eil  barrachd  dhaoine 


oga  a'  gabhail  orra  fhein  dreuchd  na  ministre- 
alachd, oir  a  h-uile  seachduin  tha  cuireadh 
air  a  thoirt  do  fhicheadan  de  dhaoine  oga 
cur  a  stigh  air  son  puist-riaghlaidh  no  obair- 
riaghlaidh  an  seirbhis  a'  Ghovernment  aig 


AIG  AN  UINNEIG 


an  tigh  agus  thar  chuan,  no  ann  an  seirbhis 
Comhairlean  nan  Siorramachdan,  no  ann 
am  Factories  agus  Buthan-malairtj  no 
iomadh  gnothuch  eile,  agus  paidheadh  maith 
agus  pensions  mhaith  (o  choig  ceud  gu  mile 
gu  leth)  air  a  thairgsinn  dhaibh,  a  thuil- 
leadh  air  uairean  goirid,  inbhe  agus  iighdarras, 
agus  gu  leoir  de  chleirich.  An  ionghnadh 
gu'm  biodh  tarruing  aig  Riaghlaireachd 
de'n  t-seorsa  sin  air  gillean  oga  nach  'eil  aig 
obair  na  ministrealachd  ?  Ged  nach  ann  air 
ghaol  airgid  a  bu  choir  do  dhuine  dreuchd 
uasal  na  ministrealachd  a  ghabhail  air 
fhein  feumaidh  ministearan  beoshlaint  fhaot- 
ainn  mar  dhaoine  eile,  agus  comas  a  bhi 
aca  tigh  agus  bean  agus  teaghlach  a  chum.ail 
suas  mar  a  b'abhaist  do  Mhansaichean  na 
h-eaglais  a  bhi  air  an  cumail. 

Ach  na's  miosa  na'n  t-astar  a  tha  eadar 
Riaghlairean  agus  ministearan  a  thaobh 
tuarasdail  tha  an  t-astar  a  tha  eatorra  a 
thaobh  ughdarrais.  Tha  facal  agus  seasamh 
agus  cumhachd  aig  Riaghlairean  anns  an 
duthaich  so  an  diugh  nach  'eil  aig  ministear 
no  maighstir-sgoile,  agus  is  toigh  leis  a 
h-uile  duine  iighdarras  a  bhi  aige  am  fianuis 
an  t-sluaigh. 

Sin  aon  de  na  h-aobharan  a  tha  a'  tarruing 
dhaoine  oga  air  falbh  o'n  eaglais,  gur  fhearr 
leo  a  bhi  a'  riaghladh  na  bhi  a'  teagasg.  Tha 
iomadh  aobhar  eile  ann  cuideachd  ach  chan 
'eil  rud  eile  as  cinntiche  na  gur  e  so  aon 
dhiubh,  gu  bheil  a'  mhinistrealachd  air  dol 
sios  an  inbhe  agus  an  iighdarras  an  coimeas 
ri  dreuchdan  iira  a  tha  fosgailte  do  bhalaich 
Ghaidhealach  an  diugh. 

Gnothuch  bochd 

Ann  an  Tigh  nan  Cumantan  o  chionn 
ghoirid  chutr  fear  de  na  buill  a'  cheist  so 
air  aon  de  mhinistearan  a'  Chriiin,  "  An 
urrainn  thu  innseadh  dhuinn  na  chaidh  a 
ghoid  air  Companies  an  Rathaid-iaruinn  an 
1946  ?  "  B'e  an  fhreagairt  a  fhuair  e, 
"  eadar  am  bathar  a  bha  air  a  ghoid  no  air 
a  chaU  b'fheudar  do  na  Railways  £2,441,023 
(suas  ri  da  mhuUlean  gu  leth)  a  phaigheadh 
mar  eiric." 

Tha  fhios  aig  an  t-saoghal  gu  bheil  meirle 
uamhasach  a'  dol  air  aghaidh  an  diugh  anns 
a  h-uile  aite  far  a  bheil  bathar  air  a  laimh- 
seachadh,  ach  cha  do  shaoU  mi  gu  robh 
ctiisean  oho  dona  's  a  tha  iad,  Tha  e  air 
a  radh  nach  'eil  anns  na  tha  air  a  ghoid  air 
na  railways  ach  faoineas  an  coimeas  ris  na 
tha  air  a  ghoid  anns  na  docks,  agus  gu'm 
feum  ciobairean  a  bhi  air  sail  an  luchd-oibre 
gach  mionaid  de'n  latha. 

Ciod  is  ciall  dha  ?  Na'm  b'e  acras  a  bha 
totrt  orra  a  dheanamh  bhiodh  lethsgeul  aca, 


ach  chan  'eil  daoine  anns  an  diithaich  so  a' 
fulang  le  acras  an  diugh.  Uaireigin  de'n 
t-saoghal  cha  robh  da  thamailt  a  bu  sheirbhe 
le  duine  a  bhi  air  an  tilgeadh  air,  na  gu 
robh  e  breugach,  no  gu'm  bu  mheirleach  e. 
Aig  aon  am  chan  'eil  teagamh  nach  robh 
eagal  ifrinn  a  cumail  dhroch  dhaoine  o 
mheirle  agus  o  bhreugan  foUaiseach.  Ach 
a  nis  chaUl  iad  eagal  ifrinn  gun  eagal  Dhe 
fhaotainn,  agus  tha  fasain  is  cleachdaidhean 
an  t-saoghaU  a'  toirt  misnich  dhaibh  an  toil 
fhein  a  dheanamh,  agus  rud  air  bith  a  tha 
a'  freagairt  orra  fhein. 

Tha  cogadh  daonnan  a'  truailleadh 
dhaoine ;  tha  call  ann  as  miosa  na  call 
dhaoine  no  call  codach,  an  call  a  thig  air 
dtithaich  an  uair  a  dh'  fhasas  coguisean 
dhaoine  maol.  Anns  an  arm  tha  gach  ni 
aig  na  saighdearan  an  cornaidh.  Chan  'eil 
garradh-criche  eadar  mo  chuid-sa  agus  do 
chuid-sa ;  tha  iad  ag  itheadh  as  an  aon 
phoit,  agus  a'  tarruing  gach  ni  a  tha  dhith 
orra  as  an  aon  stor,  agus  an  uair  a  thig  iad 
dha  chaidh,  tha  e  furasda  dhaibh  leantuinn 
air  a'   chleachdadh  sin. 

A  thuilleadh  air  sin,  tha  ni-eigin  anns  an 
teagasg  a  tha  fasanta  anns  an  Eaglais  agus 
anns  a'  Pharlamaid  anns  na  bliadhnachan 
so  a'  toirt  gnuise  do'n  bheachd  nach  ann 
leat  fhein  a  tha  do  chuid  gun  ag,  agus  gur 
coir  a  h-uUe  ni  a  bhi  air  a  roinn.  Cluiimidh 
tu  daoine  ag  radh  nach  'eil  e  uasal  no 
criosdail  dhuit  obair  a  dheanamh  air  ghaol 
buannachd  dhuit  fhein  no  dad  eile  a  bhi 
anns  an  t-seaUadh  agad  ach  dol  an  comaidh 
ri  daoine  eile.  Tha  boinne  de'n  fhirinn  anns 
an  teagasg  so,  ach  'nuair  a  thuiteas  e  air 
cluasan  dhaoine  sanntach  agus  dhaoine 
leasg  tha  iad  gu  bitheanta  'g  a  chur  gu  droch 
bhuU.  Tha  daoine  air  fas  cleachte  ri  bhi 
a'  cluinntinn  gu  bheil  "  coir  "  aca  air  rud 
air  bith  a  tha  'g  an  dith,  air  chor  agus  nach 
toir  e  oUbheum  d'an  coguis  iad  fhein  a 
chuideachadh,  gun  chead  an  duine  leis  an 
leis  e  iarraidh. 

Cleachdadh  maith 

Mur  tog  an  Tighearna  an  tigh  gu  diomhain 
saoithrichidh  an  luchd-togail ;  mur  gleidh 
an  Tighearna  am  baile,  gu  diomhain  ni  am 
fear-coimhead  faire. — Salm  cxxvii,  1. 

Is  e  Tigh  na  Cumantan  cridhe  agus  cuisle 
na  rioghachd,  agus  tha  Tigh  nan  Cumantan 
ag  aideachadh  na  firinn  so,  oir  a  h-uile  la, 
m'an  teid  e  air  cheann  gnothuich,  tha  aoradh 
air  a  dheanamh  do  Dhia  agus  urnuigh  air 
a  cur  suas,  ag  iarraidh  a  bheannachd  agus 
a  stiuiridh.  Is  maith  gu  bheU  an  cleachdadh 
diadhaidh  so  air  a  leantuinn  anns  a'  Pharla- 
maid, cleachdadh  a  tha  dol  air  ais  gu  linn 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


Banrigh  Ealasaid,  agus  ged  nach  bi  an  Tigh 
cho  Ian  aig  uair  na  h-urnuigh  's  a  bhitheas 
e  air  uairean  eile  ;  tha  aireamh  shonruichte 
de  na  buill  daonnan  'n  an  ^ite  aig  an  aoradh. 

An  uair  a  thoisich  an  cleachdadh  so  's 
e  Fear-na-Cathrach  a  bhiodh  a'  deanamh 
na  h-tirnuigh,  ach  a  nis  tha  Chaplain  aige, 
ministear  de'n  Eaglais  Shasunnaich.  Ged 
nach  'eil  an  t-seirbhis  ach  goirid  tha  i 
freagarrach  agus  soluimte  ;  tha  na  dorsan 
air  an  dtinadh,  an  t-seachdamh  sabn  thar 
an  tri  fichead  air  a  leughadh,  Urnuigh  an 
Tighearn  air  a  h-aithris,  urnuighean  air  son 
an  Righ  agus  an  Teaghlaich  Rioghail,  agus 
urnuighean  freagarrach  eile,  a'  criochnach- 
adh  leis  an  te  so, 

"  A  Dhe  Uile-chumhachdaich,  is  ann 
leatsa  a  tha  righrean  a'  rioghachadh  agus 
prionnsachan  a'  socruchadh  ceartais,  agus 
is  ann  bhuait-sa  a  mhain  a  thig  comhairle 
agus  gliocas  agus  tuigse ;  mar  sin  tha 
sinne  do  sheirbhisich  neo-airidh,  a  tha  a  nis 
cruinn  ann  ad  ainm,  a'  guidhe  ort  gu'n 
tugadh  tu  dhuinn  an  gliocas  a  tha  o  shims, 
chum  ar  sedladh  agus  ar  treorachadh  anns 
na  ciiisean  anns  a  bheil  lamh  againn. 
Cuidich  leinn  ar  n-obair  a  dheanamh  le 
treibhdhireas  agus  eagal  diadhaidh,  agus 
saor  sinn  o  chlaon-bhaigh  agus  o  chlaon- 
bhreith  agus  o  ghaol-buannachd,  chum  agus 
gu'n  gldraich  sinn  t-ainm  Tuxomh-sa,  agus 
le  ar  saothair  agus  ar  comhairle  ri  cMile 
gu'm  bi  ceartas  agusAiadhaidheachd  air  an 
daingneachadh  anns  an  tir,  urram  agus 
tearuinteachd  agus  sonas  aig  an  Righ, 
sith  agus  samhchair  agus  soirbheachadh 
aig  an  rloghachd,  agus  aonachd  agus  gradh 
do  chach  a  cMile  am  measg  an  t-sluaigh  uile, 
tre  losa  Griosd,  ar  Tighearn  agus  ar 
Slanuighear." 

A  h-uile  la  a  tha  Tigh  nam  Morairean 
cruinn  tha  na  h-urnuighean  ceudna  air  an 
aithris  le  fear  de  na  h-Easbuigean,  rud  a  tha 
'n  a  chomharradh  follaiseach  gu  bheil  an 
rioghachd  ag  aideachadh  a'  Chreidimh 
Chriosduidh. 


An  tombaca 

Tha  an  tombaca  air  fas  cho  gann  agus 
cho  daor  's  gu  bheU  chemists  agus  luchd- 
sgil  eile  a'  feuchainn  ri  luibh  air  choreigin 
fhaotainn  a  bheireadh  do  dhaoine  tomhas 
de'n  t-s61as  a  tha  tombaca  a'  toirt  dhaibh. 
Thiormaich  iad  feamainn  agus  duileasg  agus 
linearach  ;  duilleagan  cail  agus  rhubarb  ; 
barr  a'  bhuntata  agus  barr  a'  churrain ; 
cairteal  agus  earr-thalmhainn  agus  seorsach- 
an  eile,  ach  cha  d'amais  iad  fhathast  air  dad 
a  ghabhas  cur  an  aite  an  tombaca.  'S  e  an 
da  luibh  a  bu  dluithe  do'n  rud  a  bha  iad  ag 
iarraidh,  rhubarb  agus  fliir  na  greine,  ach 
ged  bha  bias  maith  gu  leoir  orra  sin, 
dh'fhagadh  iad  corp  duine  goirt  mar  gu'm 
biodh  e  air  burgaid  a  ghabhaU. 

Chuir  e  ionghnadh  orm  nach  d'amais  iad 
idir  air  an  luibh  leis  am  biodh  balaich  ann 
an  eilean  mo  dhixthchais  ag  ionnsachadh 
smogaidh,  barr  a'  bhrisgein.  So  an  luibh 
ris  an  abrar  curran  earraich ;  tha  am  bun 
aice  maith  ri  itheadh  anns  an  earrach,  agus 
am  barr  aice  maith  ri  smogadh  anns  an 
fhoghar,  air  a  thiormachadh.  Sin  agad 
luibh  as  fhiach  luibh  a  radh  rithe ;  luibh 
an  aigh,  biadh  agus  tombaca,  agus  tha  uiread 
dhi  anns  na  h-eileanan  an  lar  's  gu'm  faodadh 
factory  a  bhi  air  a  cur  suas  ann  an  aite 
freagarrach  a  dheanamh  seorsa  ur  tombaca. 

Ajx  am  cogadh  America  anns  an  ochdamh 
linn  deug  dh'eirich  pris  an  tombaca  cho  ard 
's  gu'n  do  thoisich  tuathanaich  an  Albainn 
air  a  chur.  Anns  a'  bhliadhna  1782  bha 
miltean  a  dh'acraichean  eadar  Dun-eideann 
agus  a'  Chrioch  Shasunnach  fo  thombaca  ; 
bha  ministear  ann  an  ledburgh  aig  an  robh 
coig  acraichean  dheth  air  a'  ghliob.  Ach 
cha  robh  am  freasdal  fabharrach ;  bha  an 
t-earrach  agus  an  samhradh  fuar,  am  foghar 
fliuch,  agus  cha  d'fhas  an  tombaca  ro  mhaith. 
A  thuilleadh  air  sin  thug  an  luchd-lagha  a 
mach  a'  bhinn  nach  robh  e  laghail  tombaca 
a  chur  ann  m  Albainnn,  a  reir  Achd  Parla- 
maid  a  rinneadh  ann  an  linn  Thearlaich  II. 
Chuir  sin  crioch  air  tuathanachd  an  tombaca. 


Gleann  na  h-irioslachd 


'S  e  sin  an  gleann  as  fearr  tha 

'San  fhasach  so  gu  leir  ; 

Na  naoimh  bidh  ann  a'  sraidimeachd. 

Is  pairt  diubh  sileadh  dheur  ; 

Bidh  bron  air  son  am  peacaidh  orr', 

'S  iad  beachdachadh  gu  geur  ; 

Air  gradh   do-inns'   an  t-Slanuigheir, 

Is  grain  an  cridhe  fein. 


A  Thighearna  deonaich  dhomhsa, 

Ri  m'bheo  bhi  fuireach  ann  • 

Cum  m'anam  o  fhein-fhireantachd, 

Is  leanam  los'  gu  teann 

0   ghathaibh   namhaid   miorunach, 

Dean  m'dhion  gach  oidhch'  is  la  ; 

Gach  freumh  dhe'n  pheacadh  spion  asam. 

Is  glan  mo  chridh  'n  ad  ghradh. 

Iain  Mac  Ghilleathain. 


Aireamh  8 


1948 


Tichicus 


Leis  an  Urramach  Calum  Mac   Gilleathain,  M.A. 

Foillsichidh  Tichicus,  hrathair  gradhach,  agus  ministear  dileas,  agus  comh-sheirbhiseach 
's  an  Tighearn,  gach  ni  dhuibh  mu'm  thimchioll-sa. — Colos.  iv.  7. 


ANNS  an  earrainn  mu  dheireadh  de'n  litir 
seo  tha  Pol  air  am  peann  a  ghabhail  'na 
laimh  fhein  agus  tha  e  criochnachadh  mar 
seo,  "  failte  uamsa  Pol  le  mo  laimh  fein. 
Cuimhnichibh  mo  chuibhreacha.  Gras  gun 
robh  maille  ribh.  Amen."  Tha  an  litir 
airson  muinntir  Cholosae  criochnaichte ; 
agus  is  i  cheist  ce  mar  a  chuirear  ann  i.  Tha 
turus  fada  aice  ri  dhol  air  tir  is  air  muir  agus 
chan  'eil  a'  phostaireachd  as  aithne  dhuinn  a 
nis,  aca-san  ann.  Ach  is  ceist  i  a  tha  air  a 
fuasgladh  aig  Pol  a  cheana !  Is  e  Tichicus 
a  tha  gu  bhith  'na  Phost,  is  ann  air-san  a  tha 
uallach  na  litreach,  'na  siubhal  is  'na  ruigh- 
eachd,  gu  bhith.  Agus  cha  b'  ann  ri  duine 
gun  earbsa  a  chaidh  a  cur  an  urra.  Anns  an 
Htir  tha  chii  maith  aig  Pol  'ga  thoirt  air 
Tichicus.  Agus  cha  robh  Tichicus  gu  falbh 
'na  aonar  ;  bha  Onesimus  gu  bhith  'na  chuid- 
eachd,  agus  a  gnothuich  araidh  fhein  an 
crochadh  ris  (mar  a  tha  fhios  againn). 

I.    Brathair  gradhach 

Sin  a  cheud  innse  air  Tichicus.  Nach 
oirdhearc  an  cliii  e  sin  ?  Tha  am  facal 
brathair  maith,  agus  tha  e  ro-mhath  an  uair 
a  leasaichear  e  le  "  gradhach."  Is  e  comunn 
bhraithrean  is  pheathraichean  a  tha  anns 
an  eaglais.  Aithnichear  sin  orra,  aig  am- 
annan  ;  agus,  aig  amannan  eile,  tha  iad  nas 
coltaiche  ri  coigrich  is  luchd-catha  na  ri 
luchd  aon  bhaile  ris  na  naoimh  is  clann  an 
aon  Athar.  Bhuinneadh  Tichicus  do'n 
chearn  an  robh  an  litir  a'  dol.  Bha  e,  mar 
sin,  cairdeach  do  dhaoine  an  Colosae  air  da 
dhoigh.  Ach,  a  mach  o'n  daonachd  choitch- 
ionn,  cha  bu  bhrathair  na  co-ogha  e  do 
Phol,  ach  air  son  sin,  is  ann  anns  a'  cheangal 
a  bha  eadar  e  fhein  is  Tichicus,  an  Criosd,  a 
bha  e  soilleir  do  Phol  gum  bu  bhrathair  de'n 
fhior  sheorsa  cheart  Tichicus.  Is  ann  agus 
duine  'na  eiginn  agus  an  cunnart,  am 
bochdainn,  an  teanntachd  agus  an  iomacheist 
a  tha  feum  aige  air  brathair.  "  Agus  tha 
caraid  ann  as  dltiithe  leanas  na  brathair  air 
bith."  Is  ni  mor  gun  robh  sin  air  a  choimh- 
lionadh   gu   h-iomlan,    do    Phol,    agus    cha 


b'ann  aon  uair !  Ach  so  aige  fear  a  thug 
gradh  dha  agus  a  thaisbean  sin  gu  foghainte- 
ach,  fritheilteach,  fitighail.  "  Na  brath- 
rean,"  nach  maiseach  an  inbhe,  agus  nadi 
luachmhor  an  cuid  daimh  is  sochairean  le  an 
cuid  saorsa  an  coimhcheangal  ri  an  saothair, 
an  comhrag  agus  an  adhbhar  ?  Faodaidh, 
ma  ta,  ar  luchd-daimh,  san  eaglais,  a  bhith 
'nam  iomadh  beannachd  duinn,  agus 
faodaidh  am  fear  od  a  bhith  'na  sholus,  agus 
am  fear  seo  'na  bheairteas,  agus  am  fear  seo 
eile  'na  bheul,  agus  am  fear  mu  dheireadh 
'na  ghliocas,  ach  ciim,  an  comhnuidh,  do 
shuil  air  an  fhear  bheag  nach  'eil  a'  gabhail 
air  a  bhith  a  h-aon  aca  sin  ach  a  tha,  gu 
cinnteach,  'na  bhrathair  gradhach.  Is  e  an 
t-aite  bhios  fuar  an  latha  nach  bidh  e  ann ! 
Agus  is  i  an  eaglais  a  bhios  fuar  agus  falamh 
an  latha  a  bhios  a  chuUe  seorsa  eile  pailt 
agus  a  bha  a  sheorsa-san  gann!  Is  e  cho 
pailt  agus  a  bha  a  sheorsa  ri  linn  nan  abstol 
a  chuir  a  leithid  de  bhlaths  agus  de  bhuann- 
achd  agus  de  bheannachd  anns  an  eaglais 
agus  gun  robh  i  'na  sochair  agus  'na  socair, 
agus  'na  dachaidh  aluinn  ion-mhiannaichte, 
aig  daoine  sgithe  claoidhte,  an  saoghal 
cruaidh  crosda,  anns  gach  aite  anns  an  do 
nochd  a  ballachan.  Is  e  am  brathair  gradh- 
ach am  f ior-Chriosdaidh ! 

II.    Ministear  dileas 

Is  docha,  nis,  gur  fheudar  duinn  a  dhol  gu 
priomh-sheagh  nam  briathran  seo.  Tha  e 
ro  dhualach  duinn  gun  dean  sin  pearsa- 
eaglais,  agus  gu  h-araidh  aodhaire  air  ceann 
coimhthionail,  de'n  fhacal  "  ministear,"  oir 
is  e  sin  an  neach  ris  an  canar  ministear  an 
diugh.  Ach  is  e  a  tha  againn  san  fhacal 
"  fear-frithealaidh."  Maor  aig  mor-uasal, 
agus  gille  aig '  duine  eile.  (Is  e  am  facal 
diahonos,  no  "  deacon,"  a  tha  sa'  Ghreigis  ; 
agus  is  e  sin  fear-frithealaidh  do  na  naoimh." 
1  Cor.  xvi.  15.) 

Is  e  a  bha  an  Tichicus  seirbhiseach  a  ghabh 
air  fhein  a  bhith  frithealadh  do  Phol.  Tha  e 
coltach  gur  e  bha  ann  duine  a  chuir  roimhe 
gun  leanadh  e  Pol  agus  nach  fhaiceadh  e  eis 


TICHICUS 


air  cho  fada  agus  a  bhiodh  an  comas  aige-san 
sin  a  leasachadh.  Is  docha  gun  tainig  sin 
'na  chridhe  cho  luath  agus  a  chaidh  iompach- 
adh.  Air  cho  maith  agus  gan  robh  Pol  tha  e 
soUleir  gun  robh  daoine  eile  tachairt  ris  a 
bha  tuigsinn  nach  robh  a  chuile  rud  aige ! 
Cha  robh  dachaidh  aige.  Bhiodh  a  shiiilean 
aig  amannan  cho  gann  de  fhradharc  agus 
gun  robh  a  bhith  falbh  o  aite  gu  aite  'na 
churam  nach  bu  bheag.  Cha  robh  a  chuimhne 
air  nithean  beaga  na  beatha  cho  maith  ri 
chuimhne  air  nithean  mora  na  beatba  mair- 
eannaich.  '  Ma  tha,'  arsa  Tichicus,  '  Is 
sona  dha !  ach  ma  bheir  Dia  dhomhs'  e  cha 
bhidh  e  gun  chiil-taice  aige,  far  an  dean 
mo  lamhan  is  mo  chasan  dhomhs'  e'.  Ro- 
mhaith  an  gUle  thu  fhein,  a  Thichicus  !  Cha 
robh  droch  fheum  ort,  a  dhuine  chridhe  ; 
agus  nach  bu  tu  fhein  mo  laochan  glan  a' 
deanamh  seirbhis,  gun  duais,  do  phriosanach 
bochd  an  Tighearn  anns  a'  phriosan,  anns  an 
Roimh  ?  Amadan  an  t-saoghail  is  duine 
taghta  Dhe !  Gu  f irinneach  cha  chaill  thusa 
do  dhuais.  "  Falbh  thusa,  a  Thichicuis,  a 
bhodaich,  agus  thoir  leat  an  litir  agus  thoir 
dPaibh  aig  an  tigh  i.  Is  maith  is  aithne 
dhuit  do  cheann-uidhe ;  agus  is  maith  a 
dh'  aithnichear  thu  an  uair  a  ruigeas  tu  ; 
agus  cha  mhisde  an  teachdaireachd  fhein  gur 
tusa  an  teachdaire."  (Agus  chan  'eil  guth, 
ann  no  as,  oir  chan  'eil  fhios  ce  mar  a  bhios 
mise  as  d'  aonais  ;  agus  nach  mi  bhios  'gad 
ionndrainn.) 

III.    Comh-sheirbhiseach  'san  Tighearn 

Seo,  a  nis !    "  Na  smaoinichibh  oirnne  idir 
mar  maighstir  is  ministear,  no  fear-fritheal- 


aidh.  Is  e  tha  annainne  dithis  a  tha  anns 
an  aon  seirbhis."  A!  tha  e  dol  nas  fhaide 
na  sin.  Is  e  a  bhiodh  aig  Pol  air  fhein 
doulos,  no  "  traill."  Neach  a  bha,  gu 
h-iomlan  air  a  cheannach  aig  a'  Mhaighstir 
agus  a  bu  leis  le  coir  bhuilleach.  Chan  ann 
leinn  fhein  a  tha  sinn!  Is  e  tha  annainne 
dithis  a  bhuineas  do'n  aon  Mhaighstir,  agus, 
mar  sin,  na  deanaibhse  dol-iomrall  eadar 
mor  is  beag,  shuas  is  shios,  inbheach  is  air 
bheag  inbhe,  anns  an  obair  seo  a  tha  eadar  an 
dithis  againne.  Is  e  tha  an  Tichicus  sun- 
doulus,  direach  mo  dhearbh  sheorsa  agus 
mo  dhearbh-chompanach,  san  aon  obair, 
anns  an  aon  Tighearn.  Chan  'eil  e  'na 
ioghnadh  ged  a  leanadh  leithid  Thichicuis 
leithid  Phoil.  Is  docha  gu  bheil  e  'na 
ioghnadh  air  daoine  araidh,  ann  an  saoghal 
araidh  gu  leoir  a  tha  fas  nas  cumanta  againne 
nis,  gun  leanadh  duine  dad  idir  ach  sporan 
fada,  trom.  Buidheachas  do  Dhia,  tha  a 
leithid  de  rud  is  uaisle  am  measg  dhaoine, 
agus  tha  a  leithid  de  rud  agus  dilseachd  am 
measg  dhaoine !  Canaidh  an  duine  saoghalta, 
"  Chan  'eU  againne  an  diugh  ach  saoghal 
ur  ;  dean  d'obair  agus  gheibh  thu  do  phaigh- 
eadh  ;  seo,  agus  bi  falbh — nidh  sinne  chilis 
gun  uaisle  agus  gun  irioslachd  agus  gun 
ceangal  daimheil,  duineil ;  domhain,  diamh- 
air  eadar  na  daoine,  no  eadar  na  Criosdaidh- 
ean  fhein  mar  sin."  Ach,  stad  ort  e,  cha 
dean  ach  bochd,  briste,  leipideach,  pronn. 
A,  a  Phoil,  mo  roghainn  thu,  am  post, 
agus  an  teachdaire,  an  gille  agus  a  chuile 
fear  eile  de'n  t-seorsa  air  son  an  aon  adhbhair 
anns  an  aon  seirbhis,  agus  sin  Anns  an 
Tighearn ! 


Anns  a'  Chathair 


THA  cothrom  aig  muinntir  Dhim-eideann 
a  bhi  a'  cluinntinn  mhinistearan  ainmeil 
ann  an  eaglaisean  mora  a'  bhaile  an  drasd 
's  a  ris,  oir  ma  chluinneas  an  t-Ollamh 
Tearlach  Warr,  no  an  t-Ollamh  Seumas 
Black,  no  an  t-Ollamh  Tearlach  Taylor,  no 
ministearan  Eaglais  an  Naoimh  Cuthbert, 
gu  bheil  Easbuig  no  Deadhan  a  Sasunn  no  as 
an  t-Suain,  no  Guth  Mor  a  America,  ri  bhi 
anns  a'  bhaile,  faodaidh  tu  a  bhi  cinnteach 
gu'm  bi  iad  air  an  sail,  agus  gu'n  iarr  iad  orra 
searmonachadh  air  an  t-Sabaid,  oir  a 
dh'aindeoin  na  bhios  daoine  ag  radh  mu 
thinneas  na  h-eaglais  agus  mu  shuidheachain 
f  halamh,  chan  'eil  comhdhail  eile  a  bheir  a 
mach  uiread  dhaoine  ri  searmonaiche  o'm 
bheil  fiughair  aig  an  t-sluagh  gu'n  cluinn 
iad  facal  beo.  Uair  a  chluinnear  am  facal 
sin  o  na  h-Urracha  mora,  ach  da  uair  nach 


cluinn.  Faodaidh  guth  a  bhi  cho  mor  agus 
cho  labhrach  ri  torman  Eas  Niagara,  agus 
gun  ann  ach  guth  fhein. 

Is  e  a  thug  orm  toiseachadh  air  an  t- 
seanchas  so  gu  robh  mi  air  m'ais  o  chionn 
gh<)irid  ann  an  CUle-sgumain,  sgh'eachd  a 
tha  cho  farsuing  's  gu  bheil  an  t-Ollamh 
Ruairidh  MacLeoid  a'  cur  da  mhissionaraidh 
(fad  na  bliadhna)  agus  oileanach  (anns  an 
t-samhradh)  a  chuideachadh  an  Urramaich, 
NiaU  Mac  Pharlain,  B.D.  Am  bitheantas 
chan  'eil  an  aon  oileanach  ann  ach  aon 
samhradh,  agus  tha  na  missionaraidhean  air 
an  atharrachadh  a  h-uile  tri  bliadhna,  ma 
tha  sin  freagarrach.  Mar  sin  tha  muinntir 
Chille-Sgumain  a'  faotainn  cothrom  air 
uiread  ghuthan  a  chluinntinn  ri  muinntir 
Dhtm-eideann  fhein,  agus  thuirt  feadhainn 
dhiubh  rium  gu'm  b'fhearr  leo  an  t-oUeanach 


ANNS  A'  CHATHAIR 


a  bha  aca  an  uiridh  fada  cian  na  gin  de  na 
daoine  ainmeil  a  bhiodh  a'  searmonachadh 
an  eaglais  na  sgire  an  uair  a  bhiodh.  iad  a' 
fuireach  an  tigh  a'  Choirneil  aig  am  na 
seilge. 

'S  ann  aig  bean  Iain  Mhic  Phail  a  bhiodh 
na  h-oileanaich  a'  fuireach,  agus  a  thaobh 
's  gu'n  robh  cridhe  blath  aice  gu  nadurra 
agus  nach  robh  teaghlach  aice  fhein,  bha  i 
mar  mhathair  dhaibh ;  cho  muirneach  umpa 
agus  cho  fritheilteach  dhaibh  's  gu'm  biodh 
Iain  ag  radh  gu'n  robh  i  'g  am  milleadh, 
ach  air  uairean  eile  cho  smachdail  orra  's 
gu'm  biodh  Iain  air  a  narachadh. 

"  Bha  coig  ar  fhichead  dhiubh  agam  air 
fad,  ach  ged  bha  cuid  dhiubh  gu  maith 
neonach,  agus  cuid  eile  cho  aotrum  neo- 
shuidhichte  ris  na  luacharain,  bha  iad  uile 
'n  an  gillean  beusach,  ach  a  mhain  dithis, 
da  cheard  anns  nach  robh  modh  no  onoir, 
agus  a  dh'fhag  mi  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
gun  mo  phaidheadh.  Ach  chuir  an  t-Ollamh 
Mac  Leoid  sin  ceart,  agus  chuala  mi  o  Niall 
Mac  Pharlain  nach  deachaidh  iad  air  an  ais 
do'n  Cholaisde,  agus  gun  'n  d'fhuair  iad 
obair  ann  an  garage." 

A  tobar  a  cuimhne 

Cha  robh  dad  a  b'fhearr  le  bean  Iain 
Mhic  Phail  na  bhi  a'  tarruing  chuimhneach- 
ain  a  tobar  a  cuimhne  air  na  h-oileanaich  a 
thoisich  air  obair  na  ministrealachd  ann  an 
Cille-Sgumain ;  na  cinn-theagaisg  agus  na 
searmoin  a  bhiodh  aca ;  na  rudan  neonach 
a  bhiodh  iad  ag  radh  agus  a '  deanamh  ;  a' 
ghrain  a  bha  aig  cuid  dhiubh  air  Eabhra, 
agus  an  gaol  a  bha  aig  cuid  eile  dhiubh  air 
iasgach  agus  air  golf  ;  an  ireabais  anns  an 
bitheadh  iad  air  Di-sathuirn  agus  gun  sgeul 
air  searmon  an  la  maireach  ;  agus  an 
t-eagal  a  bhiodh  air  cuid  dhiubh  nach  robh 
maith  air  Gaidhlig  gu'm  biodh  cuideigin  a' 
cunntas  nam  mearachdan  a  bhiodh  iad  a' 
deanamh. 

Cha  do  chain  i  sealladh  air  gin  dhiubh  an 
deidh  dhaibh  an  Colaisde  fhagail  agus  a 
bhi  air  an  suidheachadh  ann  an  eaglais 
dhaibh  fhein,  agus  mar  a  b'airde  a  bha  iad 
ag  eirigh  'n  an  comas  agus  'n  an  cliu  anns 
an  eaglais  is  ann  bu  mhotha  a  bha  aice  de 
naidheachdan  agus  de  chuimhneachain  air 
na  ceud  shearmoin  a  liubhair  iad.  Bhiodh  i 
ag  radh  nach  d'  thainig  atharrachadh  air 
gin  aca  seach  mar  bha  iad  an  uair  a  thoisich 
iad  ach  a  mhain  gu  robh  iad  air  an  daing- 
neachadh  na  bu  laidire  agus  na  bu  ruighne 
anns  na  doighean  agus  na  fasain  a  bha  aca 
gu  nadurra. 

"  An  aithne  dhuit,"  ars  ise,  "  Mghr. 
A.B.C.   a  tha  aim  an  te  de  dh'eaglaisean 


mora  Ghlaschu,  a  bhios  a'  tarruing  dhaoine 
'g  a  eisdeachd  leis  na  cuspairean  neonach 
air  am  bi  e  a'  bruidhinn,  agus  cinn-theagaisg 
nach  saoileadh  tu  gur  ann  anns  a'  Bhiobull 
a  tha  e  'g  am  faotainn  idir.  An  samhradh 
a  bha  e  againn  an  Cille-sgumain,  agus  gun 
ann  ach  balach  6g,  bha  na  ceart  innleachdan 
ud  aige,  agus  a  h-uile  Di-haoine  bhiodh  e  a' 
cur  paipear  ann  an  uinneag  an  tigh-phostachd 
agus  air  craoibh  aig  Crois  an  rathaid  a 
dh'innseadh  do'n  t-saoghal  ann  an  litrichean 
mora  dearga  ciod  a  bhiodh  e  a'  labhairt  uime 
air  an  t-Sabaid.  Cha  robh  ceist  no  toimh- 
seachan  air  am  b'  urrainn  inntinn  luaineach 
smuaineachadh  nach  biodh  aige  anns  an 
uinneig  agus  air  a'  chraoibh,  ach  cha  b'ur- 
rainn  dha  na  toimhseachain  a  bhiodh  e 
fhein  a'  cur  fhuasgladh  dad  na  b'fhearr  na 
na  gillean  laghach  eile  a  bha  roimhe  agus 
'n  a  dheidh. 

"  Aon  seachduin  bha  so  aige  air  a'  chlar, 
Dia  as  a  leine  agus  cabhag  air  "  ;  seachduin 
eile  bha  so  aige,  "  Satan  aig  Faidhir- 
shamhraidh  Ghlaschu  agus  portmanteau 
aige  "  ;  agus  seachduin  eile,  "  Am  measg 
nam  bancheardan."  Cha  robh  anns  na  ban- 
cheardan  ach  tiotal  a  thug  e  do  shearmen  a 
bha  aige  air  a'  mhac  struidheil.  Ma's  maith 
mo  chuimhne  cha  robh  gin  de  na  h-oUeanaich 
oga  aig  nach  robh  searmon  uime-san,  ach  ged 
dh'fhag  each  an  sgeul  mar  tha  i  a'  crioch- 
nachadh  ann  an  soisgeul  Lucais  chuir  esan 
sgonn  eile  rithe  as  a  cheann  fhein,  is  thuirt  e 
ruinn  nach  robh  am  mac  a  b'  oige  fada  aig  an 
tigh  an  uair  a  thoisich  e  air  fas  sgith  de 
chomunn  a  bhrathar,  sgith  de'n  chuing  agus 
de'n  bheatha  riaghailtich  a  chuir  crionnachd 
agus  gliocas  saoghalta  a  bhrathar  m'a 
amhaich  ;  an  sin  gu'n  do  thoisich  e  air  aighear 
agus  sunnd  agus  meadhrachas  a  sheana 
chompanach  ionndrainn,  a'  faireachduinn  'n 
a  fheoil  agus  'n  a  fhuil  agus  'n  a  fheithean 
anail  bhlath  na  gaoithe,  cagartaich  nan 
craobh,  agus  feartan  diomhair  na  h-oidhche 
agus  nan  reultan  agus  na  camhanaich  anns 
an  duthaich  thall,  Innsean  nam  banach- 
eardan,  far  an  do  reic  iomadh  duine  a  bu 
ghlice  na'm  mac  struidheil  a  choir-bhreithe 
air  ghaol  bhilean  dearga.  An  sin  chaidh  e 
air  ais  troimh  fhasach  agus  troimh  dheatach 
agus  troimh  dhroighinn  gu  nigheanan  dubh 
agus  sgiamhach  a'  chiuil. 

"  A  h-uile  feasgar  Sabaid  bithidh  sreath 
fhada  de  dhaoine  a'  feitheamh  aig  an  eaglais 
aige  an  Glaschu  gus  am  fosgailear  an  dorus 
mar  a  chi  thu  aig  tighean-nan-dealbh,  ach 
cha  do  tharruing  e  aon  duine  a  bharrachd 
do'n  eaglais  an  samhradh  a  bha  e  againne 
leis  na  sanais  neonach  a  bhiodh  e  a'  cur 
anns  an  uinneig  agus  air  a'  chraoibh.    Ach 


ANNA  A'  CHATHAIR 


tha  muinntir  Ghlaschu  cho  gorach  ris  na 
h-eoin  co  dhiubh  ;  tha  iad  cho  lionmhor 
agus  cho  cabhagach  agus  tha  uiread.  nithean 
a'  tachairt  orra  agus  a'  tachairt  dhaibh  a 
h-uile  latha  d'am  beatha  's  nach  'eil  uine  aca 
fas  ghc.  Tha  gHocas  ag  iarraidh  athais  agus 
samhchair  laimh  ri  uisgeachan  ciuijie. 

"  Air  a  shon  sin  bu  toigh  leinn  Mghr. 
A.B.C.  a  dh'aindeoin  nan  nithean  neonacb 
a  bhiodh  e  ag  radh  agus  a'  deanamh,  oir  cha 
robh  dad  cearr  air  ach  nach  do  thuig  e 
riamh  gu'n  tilg  naisinn  nan  gleann  dhiubh 
propaganda  agus  rabhard  mar  a  thilgeas 
stallachan  a'  chladaich  air  ais  an  fhuaim  a 
ni  diidach  no  fideag  bata. 

Eric  Gdrdon 

"  Ach  de  na  h-oileanaich  oga  a  chuir  an 
eaglais  chugainn  b'e  Eric  Gordon  am  fear 
a  bu  docha  leinn,  gille  cho  laghach  agus 
cho  neo-chiontach  agus  cho  narach  's  gu'n 
taisicheadh  a  shearmoin  do  chridhe  ged  nach 
biodh  tu  a'  cluinntinn  no  a'  tuigsinn  an  dara 
leth  de  na  bhiodh  e  ag  radh.  Bha  e  diuid 
agus  guth  iosal  aige,  agus  an  la  a  bhiodh  e 
a'  teagasg  mu  nithean  domhain  cha  robh 
e  furasda  a  thuigsinn,  ach  bha  fhios  againn 
nach  e  moll  no  smodan  a  bha  e  a'  toirt 
dhuinn,  agus  bha  uiread  de'n  BhiobuU  'n  a 
shearmoin  's  gu'n  deanadh  sin  fhein  feum  do 
d'anam  ged  nach  greimicheadh  tu  air  dad 
eile  annta. 

"  Tha  srulag  bheag  uisge  laimh  ris  na 
preasan  sgithich  a  tha  aig  bonn  a'  gharraidh 
againn.  Tha  e  coltach  gu'n  d'thug  e  an  aire 
do'n  t-sriilaig  sin,  am  feasgar  a  thainig  e,  oir 
anns  a'  mhaduinn  an  uair  a  bha  mi  a'  cur  a 
bhraiceis  air  a'  bhord  agus  a  dh'fhaighnich 
mi  dheth  an  do  chaidil  e  gu  maith,  thuirt  e 
gu'n  do  chaidil,  agus  dh'innis  e  dhomh  cho 
solasach  's  a  bha  e  leis  a  bhi  a'  cluinntinn 
gluganaich  na  sriilaig  an  uair  a  bha  e  a'  cur 
uime  aodaich.     An  toiseach  cha  robh  fhios 


agam  ciod  a  bha  e  a'  ciallachadh,  oir  bha 
fhios  agam  nach  robh  fuaim  no  glugan  aig  an 
t-srulaig  aig  an  am,  ach  anns  a'  mhionaid 
chuimhnich  mi  gu  de  a  bha  ann,  is  thuirt  mi 
ris,  a'  gaireachduinn,  "  0,  chan  e  an  t-srtilag 
a  bha  ann  idir  ach  an  duine  agam  ag  61  tea." 
Tha  an  droch  fhasan  aig  Iain  an  uair  a 
bhios  e  ag  61  tea,  no  brot,  no  rud  teth  air  bith, 
a  bhi  a'  sriibadh  agus  a'  sriibalaich  le  'anail, 
air  chor  agus  gu'n  cluinnear  e  an  ceann  eile 
an  tighe. 

"  Bha  aithreachas  orm  an  deidh  laimhe 
gu'n  d'innis  mi  sud  dha,  oir  dh'fhas  aodann 
cho  dearg  ris  an  teine,  agus  thuirt  e  rium 
cho  iriosal  agus  cho  diiiid  's  ged  b'e  fhein  a 
rinn  cron,  "gabhaibh  mo  lethsgeul,  a  Mhrs. 
MacPhail,  agus  thoiribh  maitheanas 
dhomh."  Gille  cho  maith  agus  cho  laghach, 
agus  air  cho  beag  go  no  lochd  's  nach 
b'urrainn  dhomh  sealltuinn  air  anns  a' 
chiibaid  gun  na  deoir  a  thighinn  'n  am 
shiiilean,  a'  cuimhneachadh  air  a  mhathair, 
agus  ag  ionndrainn  a  mhic  nach  d'thug  Dia 
dhomh  fhein  's  do  Iain. 

Tha  Eric  Gordon  a  nis  'n  a  Phrofessor  ann 
an  aon  de  Cholaisdean  Chanada,  agus  tha 
cliii  a  sgoilearachd  cho  ard  an  Albainn  agus 
an  Sasunn  's  nach  bi  an  tiina  fada  gus  am  bi 
e  air  a  thoirt  air  ais  thar  chuan.  Agus  ma 
thig  e  air  chuairt  do  Chille-sgumain,  agus 
gu'n  searmonaich  e  air  an  t-Sabaid,  cha  bhi 
feum  air  tiotal  a  shearmoin  a  chur  ann  an 
uinneig  no  air  craoibh. 

Bhiodh  e  a'  leughadh  gun  sgur  oir  bha  e 
'n  a  sgoilear  anabarrach,  agus  cha  mhor 
Shabaidean  nach  biodh  rudeigin  aige  anns 
an  t-searmon  mu  Arius  no  mu  Athanasius, 
oir  bha  e  cho  eolach  orra  's  a  tha  mise  agus 
Iain  air  na  daoine  a  tha  's  an  ath  dhorus 
ruinn.  Ach  cha  chuala  mi  riamh  e  ag  radh 
diog  mu'n  Cheasar  no  Hitler,  no  mu  Alasdair 
Gearr  no  Mac  Rath  Mor." 


Fo  Chraobh  Sheudair 


"  THUG  mi  mo  chridhe,"  arsa  Solamh,  "  a 
shireadh  agus  a  rannsachadh  le  gliocas,  mu 
thimchioll  gach  ni  a  nithear  fo  neamh ; 
an  t-saothair  ghoirt  so  thug  Dia  do  chloinn 
nan  daoine."  Saothair  ghoirt  da  rireadh, 
agus  saothair  a  mhaireas  gu  latha  do  bhais ! 

Anns  an  rannsachadh  so  tha  tri  ceumanna 
no  tri  riaghailtean  a  dh'fheumas  tu  a  lean- 
tuinn,  (1)  a  bhi  iriosal,  (2)  a  bhi  onorach, 
agus  (3)  do  shiiilean  agus  t'inntinn  a  chumail 
fosgailte. 

Cha  sinne  na  ceud  dhaoine  a  dh'fheuch  ri 
freagairt  fhaotainn  do'n  cheist,  Ciod  is  ciall 


do'n  chruthachadh  agus  do  bheatha  mhic 
an  duine  ?  cia  as  a  thainig  iad  ;  car  son  a 
tha  iad  ann  ;  agus  ciod  is  crioch  dhaibh. 
Chnuasaich  daoine  a  bu  ghlice  na  sinne 
agus  aig  an  robh  tuigse  a  bu  shoilleire  agus 
a  bu  laidire,  air  na  ceistean  sin  gun  fhreagairt 
fhaotainn  a  riaraich  iad  fhein,  no  idir  idir 
daoine  eile.  Ach  mur  bheil  t'inntinn  uile  gu 
leir  marbh  leanaidh  i  air  na  ceistean  so 
fhaighneachd. 

Cuimhnich,  a  leughadair,  nach  robh 
Solamh,  no  c6  air  bith  a  sgriobh  leabhar 
Ecclesiastes,  a'  smuaineachadh  aig  an  am  air 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


an  fhreagairt  a  gheibhear  anns  a'  Bhiobull 
do  na  ceistean  sin,  no  air  an  fhoillseachadh  a 
rinn  Dia  air  fhein  agus  air  a  thoil  agus  air  a 
riiintean  do  shluagh  taghta  Israel.  Cha  b'e 
sin  idir  a  bha  air  aire,  ach  gu'm  feuchadh  e 
le  solus  a  reusoin  fhein  agus  le  a  thuigse  agus 
a  bhreithneacliadli  fhein  an  rachadh  aige  air 
a  dheanamh  a  mach  ciod  is  ciall  do  bheatha 
mhiorbhuileach  a'  chruthachaidh,  do  bhreith 
agus  do  bhas,  do  shaothair  agus  do  amhghar 
mhic  an  duine,  agus  gach  ni  eile,  sona  agus 
dona,  milis  agus  searbh,  a  tha  a'  tachairt  fo 
neamh. 

Dh'fhairtlich  e  air  Solamh  le  solus  a 
reusoin  fhein  bun  no  barr  a  dheanamh  de 
bheatha  dhiomain  an  duine  air  thalamh, 
agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh  cha  robh 
dad  a  b'fhearr  aige  ri  radh  na  so,  Diomhanas 
nan  diomhasan,  is  diomhanas  na  h-uile 
nithean. 

Toimhseachan  nach  gabh  fuasgladh 

A  mach  o'n  Bhiobull  chan  'eil  anns  an 
t-saoghal  so  agus  ann  am  beatha  is  saothair 
mhic  an  duine  ach  toimhseachan  nach 
urrainn  dhuinn  fhuasgladh,  glas  nach  'eil 
iuchair  againn  dhi.  Ged  bu  mhor  eolas 
Sholaimh  thainig  ceudan  as  a  dheidli  aig  an 
robh  barrachd  eolais,  daoine  a  bu  chomas- 
aiche  agus  a  bu  leirsinniche,  o  Phlato  agus 
Heraclitus  agus  Spinoza  agus  Newton  gu 
treubh  nan  deasbudairean  Giffordach.  Ach 
ged  mheomhraich  agus  ged  labhair  iad  tha  an 
ceo  cho  dumhail  's  a  bha  e  riamh  agus  ah 
dorchadas  cho  tiugh.  Na  nithean  a  labhair 
iad  agus  a  bha  ilr  dhuinn  aig  an  am,  tha  iad 
a  nis  air  fias  sean,  agus  nithean  tira  eile  air 
an  cur  'n  an  aite.  Eolas  a'  fas,  ach  diomh- 
aireachd  a'  fas  cuide  ris.  Beachdan  dhaoine 
mu  Fhirinn,  mu  Mhaitheas,  agus  mu  Mhaise, 
ag  atharrachadh  gun  sgur,  ach  gaol  dhaoine 
air  an  Fhirinn  agus  air  Maitheas  cho  laidir 
's  a  bha  iad  riamh,  cho  laidir  's  gu'm  basaich 
iad  air  an  son,  ged  nach  'eil  cinnt  air  bith 
aca  gu  bheil  na  nithean  a  thug  iad  seachad 
am  beatha  air  an  son,  fior  no  maith  no 
maiseach.  Biadh  aon  duine  puinnsean  do 
dhuine  eile ;  Dia  an  duine  ghil  ban  agus 
min  's  a'  chraicionn  agus  fait  donn  air,  ach 
Dia  an  duine  dhuibh  is  bilean  tiugh  air  agus 
ceann  cruinn  dubh  mar  gu'm  biodh  peallan- 
tearraidh.  Ma  tha  Firinn  agus  Maitheas 
agus  Maise  an  taobh-a-muigh  do  dhuine 
cha  sealbhaich  e  iad  gu  brath,  agus  ma's 
ann  an  taobh  a  stigh  dheth  a  tha  iad  ciod  a 
tha  annta  ach  an  lasair  bheo  'n  a  chridhe 
fhein  a  tha  a'  dearbhadh  nach  ann  o'n  ilir 
no  o'n  chnuimh  a  tha  a  dhuthchas  ach  o 
Dhia. 


An  t-Uile  chumhachdach 

Cha  luaithe  a  thoisicheas  daoine  air  reuson- 
achadh  mu  Dhia  agus  mu'n  t-saoghal  na  chi 
iad  nach  'eil  dad  a  their  iad  umpa  nach 
gabhadh  aicheadh,  air  chor  agus  ma  their 
thu  gu  bheil  Dia  uUe-chumhachdach,  gu'm 
faod  neach  eile  a  radh  nach  'eil  Dia  maith  no 
caomhail.  Ma  tha  Dia  air  fhoillseachadh 
ann  an  oibre  a  laimhe  anns  an  t-saoghal  a 
chruthaich  e,  a  bheil  e  comasach  gu'm 
biodh  e  air  fhoillseachadh  anns  a'  Bhiobull 
cuideachd  ?  Ma  tha,  chan  e  an  aon  ghuth  leis 
a  bheil  e  a'  labhairt  no  an  aon  fhoillseachadh 
air  fein  a  tha  e  a'  toirt  dhuinn. 

Ma  chumas  tu  sgathan  ri  aghaidh  Naduir 
chan  e  iomhaigh  Athar  ar  Tighearn  losa 
Criosd  a  chi  thu  ann  ach  iomhaigh  eile  a 
chuireas  uamhas  agus  eagal  ort.  Nach 
duilich  dhuit  a  chreidsinn  gur  e  an  Dia  a 
bhath  muillean  duine  anns  an  abhainn  mhor 
an  China  an  1931  a  tha  a'  labhairt  ruinn  le 
guth  Chriosd  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  ? 
Tha  sinne  ag  aideachadh  gur  creutairean 
amaideach  peacach  sinn,  ach  tha  naire  agus 
aithreachas  oirnn  air  son  a  ghniomha 
bhruideil  a  rinn  sinn  ann  an  Hiroshima.  A 
bheil  naire  no  aithreachas  air  Dia  air  son 
gniomh  a  b'  oillteile  a  rinn  e  ann  an 
Krakatoa  ?  Bha  cionta  Hiroshima  air  a 
roinn  am  measg  aireamh  dhaoine  nach 
biodh  furasda  an  cunntas,  ach  is  e  Dia  a 
mhain  a  tha  a'  deanamh  an  tairneanaich 
agus  an  teine-adhair,  tuiltean  is  beanntan 
teinnteach,  gaoth  is  sneachd  is  crith-thalmh- 
ainn. 

Tha  am  foillseachadh  a  rinn  Dia  air  fhein 
ann  an  Criosd  a  dh'aon  phios,  agus  is  e  an 
aon  aodann  Diadhachd  a  chi  thu  ann ; 
aodann  blath  agus  cairdeil  agus  truacanta, 
air  a  bheil  sgail  a'  bhroin  a'  laighe  mar 
fhianuis  shiorruidh  air  obair  na  saorsa.  Ach 
chan  e  an  aon  aghaidh  no  an  aon  ghuth  a 
chi  no  chluinneas  tu  anns  a'  chruthachadh 
ach  fichead  aghaidh  agus  fichead  guth, 
cuid  dhiubh  'g  ad  thaladh  agus  cuid  dhiubh 
'g  ad  ghraineachadh  ;  cuid  ag  innseadh 
dhuit  mu  mhaise  agus  mu  shaibhreas  agus 
mu  oirdhearcas  do  mhathar-thalmhainn  ach 
cuid  eile  ag  innseadh  dhuit  nach  motha 
leatha  thu  na'n  ite  no  ani  moll  a  tha  a' 
ghaoth  ag  iomain.  Chan  'eil  feum  ann 
dhuit  a  bhi  a'  riasladh  t'inntinn,  no  a' 
feoraich  dhiot  fhein  cia  dhiubh  a  tha  i 
firinneach  no  mealltach  no  coibhneil  no 
moralta ;  tha  gaol  agad  oirre  agus  is  leor  sin. 

Da  ghuth 

Thubhairt  an  diadhair,  an  t-Easbuig 
Tearlach  Gore  uaireigin,  "  Mar  tha  m 'eolas 
air  an  t-saoghal  so  a'  fas  tha  m 'eolas  air  Dia 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


a'  fas  cuideachd."  An  cuireadh  tu  t'aonta 
ris  an  fhacal  sin  ?  Ged  is  dalma  dhomh  a 
radh.  chan  e  mhain  nach  cuirinn-sa  m'aonta 
ris,  ach  chuirinn  tri  cromagan  mora  'n  a 
dheidh.  ?  ?  ?  agus  theirinn  gu  bheil  uiread 
eagail  oirnn  roimh  mhoran  de  na  guthan  a 
tha  sinn  a'  cluinntinn  arms  an  t-saoghal 
nadurra  's  gu'm  bi  sinn  a'  seachjiadh.  a  bhi 
ag  eisdeachd  riu  no  a'  bruidhinn  umpa  idir, 
air  eagal  gu'n  cuir  iad  sinn  air  seachran  o 
Dhia,  an  Dia  a  tha  sinn  a'  faicinn  ann  an 
Criosd. 

Tha  clann-daoine  ag  aoradh  do  dhiathan 
o  chionn  mhiltean  bliadhna,  air  an  treor- 
achadh  le  solus  fann  an  reusoin  agus  le  guthan 
a  bha  iad  a'  cluinntinn  o  bheul  agus  o 
bhroUleach  Naduir,  ach  fad  na  h-iiine  sin 
cha  d'  thainig  e  riamh  a  steach  orra  gu  robh 
na  diathan  d'an  robh  iad  ag  aoradh  uasal 
no  maith  no  baigheil,  gus  an  d'eirich  grunnan 
beag  de  dhaoine  ann  am  Palestin  a  thoisich 
air  a  theagasg  gu'n  do  labhair  Dia  riu  le 


Fhacal,  agus  gu  robh  Dia  naomh  agus 
ceart  agus  gradhach.  Sin  an  stoc  o'n  d' 
thainig  Criosd,  agus  b'e  sin  ceud-thoiseacha 
an  fhoiUseachaidh  a  tha  againn  'n  a  theagasg- 
san  agus  'n  a  bheatha  uUe  o  Bhetlehem  gu 
Calbhari,  agus  o  aiseirigh  gus  an  deachaidh 
e  as  an  t-sealladh. 

Co  a  rannsaicheas  Dia  le  solus  a  reusoin  ? 
Bha  cho  maith  dhuit  faradh  a  chur  ris  an 
speur  agus  feuchainn  ri  sealltuinn  ann  an 
siiil  na  greine.  Tha  run-diomhair  a  chiiiil 
aca-san  aig  a  bheil  cluas.  Tha  eagal  an 
Tighearna  'g  a  fhireanachadh  fhein,  gun 
feum  aige  air  fianuis  eile  ach  an  fhianuis 
a  tha  ann  fhein.  Ma  dh'fhiosraicheas  tu  gu 
bheU  na  smuaintean  a  tha  agad  mu  Dhia 
a'  toirt  misnich  agus  solas  do  d'  anam,  no 
gu  bheil  thu  a'  faotainn  neart  agus  faochadh 
ann  an  urnuigh  agus  ann  an  aoradh  ciod  an 
dearbhadh  eile  a  tha  dhith  ort  ?  Chan  e 
Dearbh  no  Rannsaich  a'  cheud  aithne  anns 
a'  bheatha  dhiadhaidh  ach  Creid. 


Dain  do  Eimhir 


CHAN  'eil  fhios  agam  c6  i,  ach  ma  tha  cluas 
is  ciall  is  cridhe  aig  Eimhir,  is  ion  dhi  a  bhi 
mor  aisde  fhein  a  chionn  gu'n  do  leag 
Somhairle  Mac  Ghill-Eathain  an  iobairt- 
ghaoil  so  air  a  h-altair,  agus  is  ion  dha  fhein 
a  bhi  'n  a  comain-se  a  chionn  gur  i  a  thug 
dha  "  eolas  nan  dan." 

A  nighean  a  chiiil  ruaidh  dir, 
fada.  bhuait,  a  luaidh,  mo  thoir  ; 
a  nighean  a  chuil  ruaidh  dir, 
gur  fada  bhuait-sa  mo  bhron. 

Fhuair  mi  a'  cheud  shealladh  de'n  leabhar 
so  o'm  charaid  caomh,  DomhnuU  Mac  Ghill- 
Eathain,  agus  mi  'n  am  shineadh  air  an 
leabaidh  gu  maith  iosal,  agus  gun  iarraidh 
agam  air  dad  a  leughadh  ach  criomain  bheaga 
de  na  sailm  an  Gaidhlig,  agus  criomain  bheaga 
de  leabhar  cubhraidh  a  bha  air  a  sgriobhadh 
le  Tomas  Traherne,  duine  naomh. 

Ach  mar  bha  mi  dol  na  b'fhearr  bhithinn  a' 
toirt  lamh  air  an  leabhar  so  an  drasd  's  a 
rithis,  agus  mar  a  b'fhaide  a  leughainn  e,  is 
ann  bu  laidire  an  greim  a  bha  e  a'  deanamh 
orm,  gus  an  do  leugh  mi  e  a  nis  deich  no 
dusan  uair  agus  a  bheil  mi  cinnteach  gu 
bheil  anail  bheo  na  fior  bhardaehd  ann. 

Tha  rud  no  dha  ann  nach  toigh  leam,  gu 
sonraichte  aon  rann  a  tha  mi  an  dochas  a 
bhios  air  a  fagail  a  mach  anns  an  ath  chlodh- 
bhualadh.  Chan  abair  mi  gur  toigh  leam  na 
dealbhan  a  tha  ann,  oir  chan  'eil  mi  'g  an 
tuigsinn,  agus  cha  tuiginn  iad  ged  chuirinn 
seachad  an  corr  d'am  bheatha  a'  sealltuinn 


orra,  ach  tha  Douglas  Young  ag  radh  ann  an 
toiseach  an  leabhair  gu'm  bi  iad  air  chuimhne 
coig  ceud  bliadhna  'n  a  dheidh  so.  Faodar  a' 
chilis  fhagail  mar  sin. 

Chan  fhiach  na  rannan  aig  deireadh  an 
leabhair  an  cumail  air  chuimhne  na's  fhaide 
na  coig  mionaidean,  na  rannan  ris  an  abair 
Mghr  Mac  Ghill-Eathain  Eisgeachd,  oir  tha 
nimh  annta,  agus  chan  'eU  nimh  maith  ann 
am  bard  no  ann  an  duine  air  bith.  Nach 
fhada  bhuapa,  agus  nach  fhada  os  an  cionn, 
an  t-6ran  ceolmhor  so, 

Bu  tu  camhanaich  air  a'  ChuUthionn 
's  latha  suilbhir  air  a'  Chlaraich, 
grian  air  a  h-uilinn  anns  an  6r-shruth 
agus  ros  geal  bristeadh  faire. 

Lainnir  sheol  air  linne  ghrianaich, 
gorm  a'  chuain  is  iarmailt  6r-bhuidh 
an  6g-mhaduinn  'n  a  do  chuaOean 
's  'na  do  ghruaidhean  soilleir  alainn. 

Mo  leug  camhanaich  is  oidhche 
t'aodann  's  do  choibhneas  gradhach 
ged  tha  bior  glas  an  dolais 
troimh  chliabh  m'og-mhaidne  sathte. 

Anns  na  dain -agus  na  luinneagan  so  uile 
chan  'eil  dad  de'n  aithlis  sgitheil  a  gheibh 
thu  cho  trie  ann  an  orain-ghaoil  na  Gaidhlig, 
ranntachd  mhaol  gun  bhlas  gun  seagh  anns  a 
bheil  na  ceart  b|iriathran  agus  na  ceart 
shamhlaidhean  air  an  cleachdadh,  gineal  as 
deidh  girieil,  mu  shronan  agus  mu  bhilean 
agus  mu  dheudan  bhan,  agus  mu  oisinnean 


DAIN  DO  EIMHIR 


eile  d'  an  tigh-talmhaidh  nach  bu  choir  a 
bhi  air  an  ainmeachadh  idir.  Chan  'eil 
Mghr  Mac  Gill-Eathain  a'  leantuinn  a' 
chleachdadh  so,  cleachdadh  a  dh'eirich  o 
ghainne  smuaintean  agus  pailteas  bhriathran, 
oir  tha  gu  leoir  de  smuaintean  agus  de 
shamhlaidhean  ura  aige  dha  fhein. 

Ma's  maith  mo  bharail,  is  e  an  rud  as 
comharraichte  anns  an  leabhar  so  uile  gu 
leir,  gu  bheil  bardachd  Mhic  Ghill-Eathain  a' 
briseadh  a  mach  as  na  seana  chlaisean  a 
thug  dealbh  agus  cumadh  do  bhardachd 
Ghaidhlig,  agus  a'  deanamh  chlaisean  ura  dhi 
fhein.  Chan  e  guth  piorraid  a  tha  thu  a' 
cluinntinn  anns  an  leabhar  so,  no  eadhon 
gug-giig  na  cuthaige,  ach  guth  eoin  air  chor- 
eigin  nach  'eil  thu  ag  aithneachadh,  ach  a  tha  a 
cheol  a'  toileachadh  agus  a'  togail  do  chridhe. 

An  uair  a  tha  mi  ag  radh  gu  bheil  guth  ur 
anns  an  leabhar  -so  chan  e  a  tha  'n  am 
inntinn  gu  bheil  Mghr  Mac  Gill-Eathain  a' 
buntainn  ris  na  ceistean  a  tha  a'  deanamh 
troimh-cheile  anns  an  t-saoghal  an  diugh, 
"  siursachd  na  h-E6rpa,"  mar  tha  e  fhein  ag 
radh  ;  gaisgealachd  nan  daoine  a  chaidh  a 
thapaid  do'n  Spainnt,  agus  baothalachd  nan 
daoine  nach  deachaidh, 

Cornf ord  agus  lulian  Bell 

agus  Garcia  Lorca 

marbh  's  an  Spainn  's  an  aobhar  naomh. 

De  dhuinne  iompaireachd  na  Gearmailt 
no  iompaireachd  Bhreatuinn, 
no  iompaireachd  na  Frainge, 
's  a  h-uile  te  dhiubh  sgreataidh  ? 
Ach  's  ann  dhuinne  tha  am  bron 
am  breoiteachd  a'  chinne, 
Lorca,  lulian  Bell  is  Cornf  ord 
nach  d'fhan  ri  gloir  nam  filidh. 

'S  ann  agaibh-se  a  tha  an  uaigh 
tha  cruaidh  le  gloir  socrach ! 
Bu  sheachd  fearr  leam-s'  bhur  n-eug 
seach  eiginn  mo  thoirchairt ! 

Chan  e  a'  bhaigh  a  tha  aige  ri  Bolsheabh- 
aich,  agus  ri  anraich  is  truaghain,  agus 
gobhair  na  laimhe  clithe,  a  tha  ur  ann  am 
bardachd  Mhic  Ghille-Eathain,  ach  an 
comharadh  a  tha  air  a  h-uile  rann  dhi  gur 
ann  as  a  chridhe  agus  o  fhiosrachadh  fhein  a 
thainig  i,  agus  nach  b'urrainn  neach  eile  a 
sgriobhadh  ach  e  fhein,  Gaidheal  6g  fogh- 
luihite  aig  nach  'eil  sith  ris  fhein  no  ris  an 
t-saoghal.  Ach  is  maith  a  dh'eireas  dha  mur 
bi  dad  as  miosa  air  a  choguis  aig  uair  a 
bhais  na  nach  deachaidh  e  a  thapaid  do'n 
Spainnt. 

Chan  'eil  uair  a  thogas  mi  an  leabhar  so 
nach  fhaic  mi  rudeigin  ur  agus  boidheach 


agus  fiiaealta  ann  nach  fhaca  mi  roimh,  ach 
'sea  thug  orm  a  bhi  'g  a  mholadh  air  an 
duilleig  so  gu  bheil  eanchainn  agus  breith- 
neachadh  ann,  agus  smuaintean  air  an 
greimich  t'inntinn.  Sin  an  rud  a  tha  ur 
ann,  gu'n  d'fhag  Mghr  Mac  Ghill-Eathain  an 
tanalach  anns  am  b'abhaist  do  bhaird  eile  a 
bhi  a'  luingearachd  an  Lub  a  Ghedidh,  agus 
gu'n  do  sheol  e  a  mach  do'n  chuan  mhor  agus 
fharsuing  air  an  robh  gaol  nam  fior  bhard 
riamh. 

Ma  dh'fhaodas  mi  a  radh  gun  bhi  air  mo 
thogail  cearr,  chan  ann  o  na  baird  Ghaidh- 
ealach  a  tha  a  dhiithchas  aige  idir,  ach  o 
cho-chomunn  uasal  nam  bard  de  gach  tir 
agus  teanga  "  d'am  b'eol  seirbheachd  gheur 
an  spioraid  na's  fhearr  na  aoibhneas  luath 
a'  chridhe." 

Rud  eile  a  tha  ixr  ann  am  bardachd  Mhic 
Ghill-Eathain,  nach  robh  i  air  a  deanamh  gu 
bhi  air  a  seinn.  Chan  ann  ri  seann  seisd  no 
fonn  a  bha  'n  a  chluais  a  chuir  e  briathran  ; 
thug  na  smuaintean  a  bha  'n  a  chridhe 
dealbh  is  cumadh  d'a  chainnt.  Tha  na 
h-orain-ghaoil  furasda  gu  leoir  an  tuigsinn, 
ach  tha  cuid  de  na  dain  eile  gle  dhuilich,  chan 
ann  a  chionn  gu  bheil  duilgheadas  air  bith 
anns  na  briathran  (tha  a'  Ghaidhlig  anabarr- 
ach  maith)  ach  a  chionn  gu  bheil  cridhe 
baird  mar  chaoch-shruth ;  faireachdail  is 
luasganach,  a'  gleachd  ri  stri  is  cas  an 
t-saoghail. 

Am  bardachd  Ghaidhlig  is  e  an  leabhar  so 
leabhar  as  fiachaile  a  thainig  a  mach  o 
chionn  iomadh  bliadhna.  0,  Eimhir,  Eimhir, 
nach  ann  'n  ad  uchd-sa  a  bha  na  rosan 
maiseach  air  an  cur  le  Mac  Ghill-Eathain, 
agus  an  crim  fhliiraichean  air  fhigheadh  mu 
d'  cheann!  Ged  tha  mo  chridhe-sa  cho 
cruaidh  agus  cho  ruighinn  leis  an  aois  's  nach 
cuireadh  tusa  no.  Deirdre  fhein  bior  no 
sgiighead  ann,  tha  na  Dain  a  rinn  am  bard 
dhuit  cho  mills  agus  cho  taitneach  'n  am 
chluais  agus  'n  am  chridhe  's  nach  'eil  uair 
a  leughas  mi  iad  nach  duisg  iad  'n  am 
chridhe  gaol-eanchainn  air  a'  ghaol. 

Ach  ged  is  fhad  o  cheile  Eimhir  agus  a 
Chorra-Ghritheach,  tha  na  dain  a  rinn  am 
bard  do  eun  nan  casan  fada,  do  Ghleann 
Aoighre,  agus  do  Choilltean  Ratharsair,  a 
nochdadh  a  bhuadhan  agus  'ealdhain  na's 
fhearr  na  na  piosan  as  giorra. 

Mise  mar  riut  's  mi  am  onar 


a'  cluinntinn  onfhaidh  air  faoUinn 
bristeadh  air  leacan  loma  an  t-saoghail. 

Am  onar,  onfhadh,  leaca  loma,  sin  agad 
ealadhain  a'  bhaird. 


Aig  an  Uinneig 


Oideas  na  Cloinne 

So  leabhar  fiachail  a  bha  air  a  chur  a  mach 
le  Alasdair  Mac  Neacail,  anns  a  bheil  comh- 
chruinneachadh  de  nithean  nuadh  agus  sean 
a  bha  air  an  cumail  air  chuimhne  le  gineal 
as  deidh  gineil  de  chloinn  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd,  rannan  mu  eoin  agus  mu  ainmhidh- 
ean,  drain  bheaga  agus  toimhseachain, 
sgeulachdan  agus  cluichean,  agus  fichead 
rud  eile  a  bheir  air  t'  ais  thu  gu  laithean  t' 
oige.  Cha  chuimhne  learn  c'uin  a  leugh  mi 
leabhar  a  thug  uiread  toileachaidh  dhomh, 
no  a  chuir  uiread  uiseagan  gu  seinn  'n 
am  cheann,  oir  chan  'eil  aon  duilleag  ann 
air  nach  'eil  rudeigin  a  tha  a'  dilsgadh 
rudeigin  eile  'n  am  inntinn  fhein,  guthan  a 
saoghal  a  b'aithne  dhomh  'n  am  oige  ach 
air  an  do  chaill  mi  sealladh  agus  cuimhne 
a  nis  ann  an  tomhas  mor.  Ach  buidheachas 
do  Mghr  Mac  Neacail  a  chruinnich  uiread 
de'n  t-seorsa  litreachais  so  leis  an  robh 
inntinnean  na  cloinne  air  am  fosgladh  agus 
air  an  geurachadh  anns  na  seann  laithean, 
agus  eolas  agus  aithne  air  a  thoirt  dhaibh 
mu  na  creutairean  a  bha  timchioll  orra, 
eoin  is  eich  is  crodh  is  sionnaich.  Cha  robh 
diiil  agam  gu  robh  duine  an  diugh  beo  aig 
an  robh  uiread  de  na  rannan  so  's  a  tha  aig 
Mghr  Mac  Neacail ;  feumaidh  gu  robh  e 
'g  an  cruinneachadh  o  chionn  •  iomadh 
bliadhna.  Bha  cuid  dhiubh  air  an  sgriobh- 
adh  agus  air  an  cur  an  clodh  cheana,  ach  tha 
moran  nach  cuala  mi  riamh  gus  am  faca 
mi  iad  anns  an  leabhar  so.  Ach  ged  is 
maith  an  obair  a  rinn  e  bhiodh  i  na  b'fhearr 
na'n  d'thug  e  dhuinn  Notes,  no  mineachadh 
fo  gach  rann  is  sbruileach  eile  a  chruinnich  e, 
ag  innseadh  c'aite  an  d'  fhuair  e  iad,  ciod 
an  urrainn  a  tha  aige  air  a  shon  sud  no  air 
a  shon  so,  agus  ciamar  a  thainig  iad  chugainn, 
no  CO  rinn  iad.  An  e  baird,  no  manaich, 
no  bodaich,  no  banaltruman  a  rinn  iad  ? 

B'  aithne  do'n  chloinn  air  feadh  na 
Gaidhealtachd  uile  a'  chuid  mhor  de  na 
cleasan  a  tha  air  an  ainmeachadh  anns  an 
leabhar  so,  ach  cha  b'e  an  aon  ainm  a  bha 
orra  anns  a  h-uile  aite.  Ann  an  eilean  mo 
dhuthchais  b'e  "  Am  Mart  "  an  t-ainm  a 
bha  againn  air  a'  chluich  ris  an  abair  Mghr 
Mac  Neacail  "  Crom  an  Fhasaich." 

"  Cia  as  a  thainig  thu  ?" 

"  Thainig  mi  a  m'  fhonn  is  m'  fhearann  is 

m'  fhasach  fhein." 
"  Gu  de  chuir  fonn  is  fearann  is  fasach 

agad-sa,    agus    mise    gun    fhonn 

gun  fhearann  gun  fhasach  ? 
"  Mo  chruadhas,  mo  luathas,  mo  laidir- 

eachd  fMin." 


Sin  agad  teagasg  fallain  agus  turail ; 
an  seorsa  freagairt  a  bu  choir  a  bhi  air  a 
thoirt  do  dhaoine  sanntach  agus  farmadach 
a  tha  an  dtiil  gu  bheil  eucoir  air  a  dheanamh 
orra  ma  tha  dad  aig  duine  eile  nach  'eil 
aca  fhein. 

Maorach  Cailleach  Mhic  Artair 

Thainig  am  facal  so  gu  m'  chuimhne  an 
uair  a  leugh  mi  anns  na  paipearan-naidh- 
eachd,  uair-eigin  's  an  Earrach,  mu  fhaoghaid 
a  bha  as  deidh  shionnach  an  Ceann-a-tuath 
Earra-Ghaidheal,  uachdarain  agus  geamair- 
ean,  tuathanaich  agus  croitearan,  sealgairean 
agus  ciobairean,  osdairean  agus  coillearan, 
spivs  agus  gach  duine  eile  aig  an  robh  gunna 
eadar  Aird-ghobhar  agus  Sron  an  t-Sithein 
agus  Muideart.  Bha  aon  deug  is  da  fhichead 
gunna  aca,  gunnachan  a  b'  fhearr  na  bha 
aig  feachd  a'  Phrionnsa  an  uair  a  chruinnich 
iad  an  Gleann  Fhionghuin,  agus  shaoileadh 
tu  nach  biodh  aon  sionnach  air  fhagail 
beo  anns  na  criochan  ud  mu'n  tigeadh  an 
oidhche.  Ach  an  uair  a  thainig  an  oidhche 
bha  na  sionnaich  uile  beo  ach  a  mhain  aon 
fhear.  "  Maorach  Cailleach  Mhic  Artair, 
partan  is  dafhaochaig." 

Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  nach  robh  na 
sealgairean  cuimseach  leis  a'  ghunna ;  theag- 
amh  gu  robh  suil  agus  lamh  cho  cinnteach 
aig  cuid  dhiubh  's  a  bha  aig  clann  Bheniamin 
a  thilgeadh  clach  a  crann-tabhuill  air  leud 
roinneige  agus  nach  mearachdaicheadh  e. 
Ach  tha  am  madadh-ruadh  cho  carach 
seolta  's  a  bha  e  riamh  ;  chan,  'eil  e  furasda 
faotainn  dluth  dha  gun  fhios  da. 

Ged  bu  chall  e  an  sionnach  a  bhi  air  a 
chur  as  uile  gu  leir  an  Albainn,  cha  bu 
mhaith''  gu'm  fasadh  e  ro  lionmhor  mar  dh 
fhas  e  am  bliadhnachan  a'  chogaidh.  Bha 
cho  beag  de  na  monaidhean  agus  de  fhrithean 
nam  fiadh  air  an  suidheachadh  air  mhal 
am  bliadhnachan  a'  chogaidh,  agus  uiread 
gheamairean  air  falbh  anns  an  arm,  's 
nach  robh  meanbh-bheistean  a'  mhonaidh 
agus  nam  frithean  air  an  cumail  sios  mar 
b'abhaist,  air  chor  agus  gu  bheil  a  nis 
stoc  tribilt  anns  an  dtithaich  de  shionnaich, 
de  fheannagan,  agus  de  fhaoileannan.  0 
chionn  bhliadhnachan  tha  na  balgairean  a' 
deanamh  cron  mor  aig  am  breith  nan  uan, 
a'  marbhadh  air  uairean  tri  fichead  uan  air 
aon  tuathanach.  B'  abhaist  e  bhi  furasda  gu 
leoir  dhaibh  maigheach  no  coinean  no 
cearc-fhraoich  fhaotainn  air  an  son  fhein 
agus  air  son  nan  cuileanan,  ach  tha  iad  sin 
air  fas  cho  gann  's  gu  bheil  an  eigin  a'  toirt 
air  na  sionnaich  uain  agus  cearcan  a  mharbh- 
adh. 


Aireamh  9 


1948 


Am  Buachaille  Maith 

Leis   an  Ollamh  Colla  Ddmhnullach. 
Is  mise  am  buachaille  maith." — (Eoin  X. 


BHA  a'  chromag  air  thoiseach  air  a'  chrann. 
Bha  am  buachaille  air  thoiseach  air  an 
treabhaiche.  Bha  treudan  mora  aig  seann 
sluagh  Israeli  fada  mu'n  do  bhris  iad  fearann 
agus  an  do  chuir  iad  siol.  Bu  mhath  am 
buachaille  Abram,  agus  cha  bu  mhiosa 
'ogha,  lacob. 

Bha  a'  chiobaireachd  'n  an  diithchas 
suidhichte  an  uair  a  chaidh  iad  sios  do'n 
Eiphit.  Is  e  sin  a  thug  air  loseph  comhnuidh 
a  thoirt  d'  a  mhuinntir  fein  ann  an  tir 
Ghosein.  Ged  nach  robh  laimhseachadh 
chaorach  no  ghobhar  aca  iomadh  bliadhna 
anns  an  Eiphit,  cha  do  chaill  iad  riamh  an 
duthchas.  Is  ann  o'n  mhonadh  agus  o 
chaoraich  a  ghairmeadh  Daibhidh  gu  righ- 
chathair  Israeli. 

Bha  na  Gaidheil  coltach  ri  clann  Israeli 
anns  an  ni  so, — bha  tlachd  aca  ann  an 
crodh  dubh  agus  meanbh-chrodh.  Cha 
dheanainn  idir  tair  orra  mar  thuathanaich 
air  fearann  iosal,  ach  is  ann  an  uair  a  ghlacas 
e  a'  chromag  agus  a  thogas  e  ris  a'  mhonadh 
le  paidhir  chon  aig  a  shailtean  a  thig  aoibh 
air  a  ghniiis  agus  farum.  'n  a  cheuman.  Air 
Galldachd,  air  Gaidhealtachd,  agus  ann  an 
tirean  cein  co  a  bheir  barr  air  na  Gaidheil 
mar  bhuachaillean !  Tha  curam  cruidh 
agus  chaorach  'n  am  fuU  agus  'n  am  feithean. 

An  uair  a  chluinneas  iad  briathran  an 
t-salmadair  anns  an  eaglais — "  Is  e  an 
Tighearna  mo  bhuachaille,"  agus  an  Tigh- 
earna  fein  ag  radh  "  Is  mise  am  buachaille 
math "  nach  beag  mineachaidh  a  tha  a 
dhith  orra  seach  m.uinntir  nam  bailtean 
mora. 

Seallam.aid  air  a'  cheann-teagaisg  so  gu 
dluth  agus  faisgeamaid  e  gus  an  tig  a  bhrigh 


I.    Tlachd  'n  a  obair 

Gu  de  a  tha  a'  comharrachadh  a'  bhua- 
chaille mhath  1 

Anns  a'  cheud  aite,  tha  tlachd  aige  'n  a 
obair.  Chan  e  a  thuarasdal  a  tha  air  uachdar 
'inntinn  gach  maduinn  agus  feasgar.  Am 
fear  a  tha  gun  tlachd  'n  a  obair,  tha  mor- 
thlachd  aige  'n  a  thuarasdal.     Is  coma  leis 


suidheachadh  nan  caorach.  Aig  beul  an 
anmoich,  biodh  a  chuid  aige  no  bhuaith, 
glan  no  air  an  garnachadh  leis  a'  chuileig, 
tha  esan  coma.  Tha  latha  eile  seachad  co 
dhiubh  a  bhios  fois  aig  caoraich  a  mhaighstir 
no  nach  bi,  gabhaidh  esan  mu  thamh  agus 
cha  chiim.  ciiram  'n  a  dhtisgadh  e. 

Thuirt  losa  "  is  mise  am  buachaille 
maith."  Ghabh  e  os  laimh  ciiram  nan 
caorach.  Is  e  an  cinneadh-daonna  a  threud 
agus  is  ann  a  meud  a  ghraidh  a  ghabh  e 
air  fein  a'  bhuachailleachd.  Ann  an  saorsa 
a  thoUe  fein  thainig  e  do'n  t-saoghal  ann 
an  riochd  buachaille.  Cha  d'  thug  e  suas 
obair,  ged  a  bha  e  air  a  sharachadh  agus  'n 
a  dhuine  doilgheasach  agus  eolach  air 
bron.  Ach  fhuair  e  sealladh  an  drasd 
agus  a  rithist  air  toradh  a  shaothrach  agus 
rinn  e  gairdeachas. 

Shil  e  na  deoir  gu  frasach  an  uair  a  chun- 
naic  e  gort  spioradail  baile  mor  lerusalem, 
agus  a  smuaintich  e  air  an  truaighe  a  bha 
fagus  da. 

Ach  an  uair  a  thainig  Anndra  agus  a 
thuirt  e  ris, — tha  na  Greugaich  an  toir 
ort,  rinn  e  gairdeachas  agus  chunnaic  e 
ann  an  suU  na  h-inntinn  sluagh  gun  aireamh 
air  an  cul-thaobh. 

II.    Dileas  gu  bas 

Anns  an  ath  aite,  bha  am  buachaille 
maith  cho  dileas  agus  gu'n  leigeadh  e  sios 
a  bheatha  air  son  nan  caorach.  Ann  an 
am  Chriosd  air  thalamh,  is  iomadh  namhaid 
a  bha  aig  na  treudan  anns  na  coilltean, 
agus  am  measg  nam  beann.  Bha  feum  air 
buachaille  laidir,  furachaU,  na'm  biodh  na 
caoraich  tearuinte. 

Bhiodh  e  'n  a  shineadh  aig  dorus  an 
fhaing  a'  dion  nan  caorach,  o  mheirlich,  o 
shionnaich,  agus  gach  namhaid  eUe.  Gun 
am  buachaille  a  m.harbhadh,  cha  ruigeadh 
namhaid  air  caora.  Na's  fhaide  na  so  chan 
urrainn  gradh  agus  dilseachd  dol. 

Nach  e  an  Slanuighear  a  choisinn  an 
gradh  an  uair  a  leag  e  sios  a  bheatha  air 
ar  son-ne ! 


AM    BUACHAILLE    MAITH 


Bha  fhios  aig  Israel  agus  aig  treubhan 
eile  gu'n  robh  cumhachd  agus  gliocas  Dhe 
thar  tomhais,  ach  cha  robh  eolas  no  earbsa 
aca  ajin  an  gradh  Dhe  gus  am  faca  iad 
losa  air  a'  chrann. 

Nach  b'e  sin  an  gradh  ;  chan  e  gu'n  do 
ghradhaich  sinne  Esan  ach  gu'n  do  ghradh- 
aich  Esan  sinne,  agus  gu'n  do  leag  e  sios  a 
bheatha  air  ar  son.  'Na  fhad,  'na  leud, 
agus  'na  dhoimhneachd  c6  a  thuigeas 
gradh  Dhe  ? 

Chuala  sinn  uairean  gun  aireamh  gur 
gradh  Dia,  ach  is  e  an  t-aon  dhearbhadh 
cinnteach  a  tha  againn  air  gradh  Dhe— 
gu'n  do  dh'fhuiling  an  Slanuighear  bas 
craiteach  a'  chroinn  air  son  pheacach. 
Na'n  do  ghabh  losa  comhairle  nan  abstol 
sheachainn  e  baUe  lerusalem  aig  deireadh 
a  laithean  an  so,  agus  dh'  fhaodadh  e  dol 
as  air  a  nainihdean  anns  a'  bhaile,  ach  ann 
an  lanachd  a  ghraidh  dh'61  e  an  .cupan  a 
thainig  'ga  ionnsaidh,  searbh  agus  mar  a 
bha  e. 

'Thainig,  e  chum  an  t-saoghail  a  nochdadh 
gradh  Dhe  agus  cha  robh  doigh  eile  anns 
am  foillsicheadh  e  gradh  Dhe  ach  trid  bas 
Chalbhari.  Is  e  so  an  gradh  a  leagh  cridh- 
eachan  dhaoine  anns  gach  linn  agus  a  tha 
cho  eifeachdach  an  diugh  agus  a  bha  e 
riamh,  a'  leaghadh  cridheachan  cruaidh  na 
linn  so,  agus  'g  ar  tilgeadh  air  ar  gluinean 
ann  an  aithreachas  agus  ann  an  irioslachd, 
agus  a'  deanamh  aoraidh  do'n  Athair  agus 
do'n  Mhac  a  ghradhaich  sinn  agus  a  shaor 
sinn  o  ar  peacaidhean. 

III.    Is  aithne  dha  a  chaoiaich 

Tha  comharraidhean  eile  a;ir  a'  bhuachaille 
mhaith  ;  is  aithne  dha  a  chaoraich  fein. 
Gun  bheum  gun  bhacan  air  cluais,  gun 
dath  dearg  no  gorm.  air  cul-cinn  no  air 
caol-an-droma,  is  aithne  do'n  deagh  bhua- 
chaille mhaith  a  chaoraich  fein. 

Bha  fear-teagaisg  ann  an  oil-thigh  Ghlas- 
chu,  agus  leugh  e  le  lan-aighear  agus  magadh 
rud  a  sgriobh  fear  a  bu  bheachdaile  na  e 
fein — gu'n  aithnicheadh  ciobair  maith  caora 
choimheach  am  measg  mile.  Ghabh  mi 
cothrom  air  facal  fhaotainn  dheth,  agus 
thug  mi  cuireadh  dha  sgriob  a  thoirt  leam 
air  Di-sathuirne  gu  fearann-caorach  agus 
gu'n  dearbhainn  dha  gu'n  robh  na  facail 
air  an  d'  rinn  e  fochaid  fior.  Chan  'eil 
teagam.h  idir  nach  aithne  do'n  bhuachaille 
mhaith  gach  caora  air  a  chuid-san  de'n 
mhonadh.  Is  aithne  dha  an  fheadhainn  a 
tha  aige  agus  an  fheadhainn  a  tha  bhuaith, 


an  fheadhainn  a  tha  air  an  sgriob  abhaisteach 
agus  an  fheadhainn  a  theid-thar  na  criche 
agus  a  shanntaicheas  ionaltradh  nan  coimh- 
earsnach. 

Ged  a  theid  na  caoraich  air  seachran, 
theid  am  buachaille  math  'n  an  deidh 
agus  taghaidh  e  a  chuid  fhein  gun  mhoille 
agus  gun  mhearachd.  Tha  losa  ag  radh 
gu'n  aithnich  na  caoraich  am  buachaille. 
Tha  sin  fior  a  thaobh  nam  piatan  a  tha 
mu'n  cuairt  nan  dorsan,  ach  chan  'eil  so 
fior  a  thaobh  chaorach  nan  raointean.  Ach 
is  e  an  cinneadh-daonna  a  tha  am  Buachaille 
maith  ag  iarraidh.  Tha  daimh  agus  cairdeas 
dluth  eadar  sinn  agus  Dia,  agus  an  uair  a 
ghairmeas  Dia  sinn  tha  ar  cridheachan  'g 
a  aithneachadh.  Tha  rud-eigin  ann  an 
cridhe  an  duine  a  tha  tagradh  cairdeas  ri 
Dia. 

Theid  againn  air  Dia  a  leigeadh  air  di- 
chuimhne  fad  iom.adh  la  tha  agus  bliadhna, 
ach  cha  teid  againn  air  fianuis  Dhe  an 
taobh  a  stigh  dhinn  a  mhuchadh  uile  gu 
leir.  'N  ar  cunnart  agus  'n  ar  teanntachd 
tionndaidh  sinn  ri  Dia  agus  is  math  a  tha 
sinn  a'  tuigsinn  gur  e  Dia  fein  a  tha  'g  ar 
gairm. 

An  uair  a  chi  sinn  an  teachdaire  dana  a' 
gairm  caraid  gradhach,  tha  an  dearmad 
a'  tionndadh  gu  dusgadh,  agus  tha  ar 
cridhe  ag  aideachadh  Dhe. 

Tha  am  buachaille  maith  ag  aithneachadh 
a  chaorach  fein  agus  tha  na  caoraich  ag 
aithneachadh  guth  a'  bhuachaille.  Air"  a 
shon  sin,  tha  am  buachaiUe  maith  na's 
eolaiche  air  na  caoraich  a  tha  fuireach  aig  a' 
bhaile.  Is  aithne  do  Dhia  a  shluagh  fhein. 
Nach  e  sin  sgeul  an  aigh,  gu'm  bheil  sinn 
ann  an  suil  Dhe  o'r  n-6ige  gu  ar  n-aois. 
Tha  a  shuil  oirnne  re  ar  slighe,  ach  nach  e 
an  t-aobhar  eagaU  dhuinn  gu'n  leir  dha  ar 
gniomhan  uile,  agus  gu'm  bheil  ar  smuain- 
tean  uile  soilleir  dha.  Chaidh  sinn  air 
seachran  gun  teagamh,  ach  tha  am  buachaille 
maith  a'  siubhal  nam  beann  agus  nan  gleann 
an  toir  oirnn.  Tha  am.  buachaille  neo- 
sgitheil  agus  ruigidh  e  sinn  ciod  air  bith 
cho  fad  air  falbh  agus  a  tha  sinn.  Ruigidh 
a  ghuth  sinn,  agus  bheir  a'  chromag  sinn 
as  na  stallachan  agus  na  boglaichean.  Tha 
a  ghradh  gun  chrioch  agus  a  neart  gun 
fhannachadh.  Tha  a  ghradh  gun  tomhas 
agus  fhoidhidinn  cho  saibhir  ri  a  ghradh. 
Cha  tug  am  buachaille  maith  thairis  sinn. 
Is  cruaidh  agus  mi-thaingeil  ar  cridheachan 
mur  an  eisd  sinn  ri  a  ghuth,  agus  mur  a 
lean  sinn  e,  ag  radh, — Is  tusa  am  buachaille 
maith  agus  is  sinne  do  chaoraich. 


Anns  a'  Ghathair 


AIR  a'  mhios  a  chaidh  seachad,  bha  Comh- 
dhail  mhor  aig  Comunn  nan  Cairdean  an 
Dun-eideann,  no  na  Quakers,  mar  is  trice  a 
theirear  riu.  'S  e  so  a'  cheud  uair  a  bha  an 
Cruinneachadh  Bliadhnail  aca  an  Albainn  o 
chionn  tri  cheud  bhadhna,  agus  bha  eadar 
seachd  agus  ochd  ceud  dhiubh  ann  as  gach 
cearn  de  Shasunn  agus  a  duthchannan  eile 
•thar  chuan.  Tha  iomadh  seorsa  dhaoine, 
agus  iomadh  seorsa  Comuinn  a'  tadhall  an 
Dtin-eideann  anns  na  bHadhnachan  so, 
ach  's  6  na  Cairdean  aoighean  as  uaisle  a 
thadhaill  ann  o  chionn  fhada  ;  daoine  cho 
ciuin  agus  cho  sitheil  's  gu'n  naomhaicheadh 
seachd  ceud  dhiubh  baile  a  bu  mhiosa  na 
Dun-eideann. 

Chan  'eil  iad  laidir  no  lionmhor  ;  chan 
'eil  an  Albainn  dhiubh  ach  mu  thri  cheud 
uile  gu  leir,  agus  mu  fhichead  mile  am 
Breatunn.  Chan  'eil  doighean  nan  Quakers 
agus  nadur  nan  Albannach  a'  freagairt 
air  a  cheile  idir.  Ann  an  cuisean  eaglais 
agus  creidimh  tha  na  h-Albannaich  labhrach 
agus  laghail,  connspaideach  mu  phuingean 
teagaisg,  agus  deas  gu  dol  a  thapaid,  ach 
tha  na  Quakers  sitheil  agus  samhach  agus 
m.acanta,  ag  earbsadh  ri  cumhachd  an 
Spioraid  na's  motha  na  ri  tuasaid  is  tapaid. 

An  t-ainm  Quakers 

Chan  'eil  anns  an'ainm  so  ach  far-ainm  a 
thugadh  dhaibh  gu  taireil  a  chionn  gu'm 
biodh  cuid  dhiubh  a'  dol  air  chrith  an  uair 
a  bhiodh  iad  a'  togail  am  fianuis  no  a' 
bruidhinn  mu  Fhacal  Dhe.  Cha  bu  naire 
dhaibh  an  guth  a  bhi  critheanach,  no  an 
gltiinean  a  bhi  air  chrith,  an  uair  a  bhiodh  am 
Facal  sin  'n  am  beul,  oir  tha  am  Facal  sin 
fhein  ag  radh,  "  air  an  fhear  so  amhaircidh 
mi,  eadhon  air-san  a  tha  bochd  agus  leonta 
'n  a  spiorad,  agus  a  chriothnaicheas  roimh 
m'  fhacal." 

B'e  an  t-ainm  a'  bha  aca  orra  fhein  an 
toiseach,  Clann  an  t-Soluis,  ach  leig  iad 
an  t-ainm  sin  a  cleachdadh  gu  maith  trath, 
agus  ghabh  iad  ris  an  ainm  Cairdean,  no 
Comunn  nan  Cairdean,  theagamh  a  chionn 
gu  robh  cuimhne  aca  air  an  fhacal  a  thuirt 
Criosd  ris  na  deisciobuil,  "  Ghairm  mi 
cairdean  dhibh." 

Tha  e  buaUteach  do'n  Eaglais  daonnan  a 
bhi  a'  fas  saoghalta  agus  neo-spioradail  le 
bhi  air  a  h-amladh  ann  an  riaghlajreachd 
nach  urrainn  i  a  sheachnadh,  agus  anns  a 
h-uile  gineal  troimh  na  linntean  tha  cuid 
d'a  cloinn,  an  sud  agus  an  so,  a'  miannachadh 
arain  no  biadh  d'an  anam  nach  'eil  iad  a' 


faotainn  o  am  mathair,  agus  a'  feuchainn  ri 
fhaotainn  ann  an  co-chomunn  bhraithrean 
eile  air  a  bheil  a'  cheart  acras  spioradail  a 
tha  orra  fhein. 

Sin  mar  thoisich  Comunn  nan  Cairdean, 
daoine  maith  aig  an  robh  inntinn  spioradail 
ag  iarraidh  an  t-soluis  o  Dhia.  Cha  robh  e 
idir  'n  am  beachd  creud  ur  a  dheanamh 
dhaibh  fhein,  no  eaglais  hr  a  chur  air  chois, 
no  dad  eile  a  dheanamh  ach  na  ceud  chreid- 
mhich  a  leantuinn,  an  dochas  gu'n  ath- 
bheothaicheadh  sin  an  Eaglais,  agus  gu'n 
toireadh  e  air  ais  do'n  t-saoghal  a  ris  cum- 
hachd agus  aoibhneas  nan  Abstol.  Bha 
iad  am  beachd  gu'n  do  chaill  an  Eaglais  a 
cumhachd  agus  an  t-eolas  soilleir  a.  bha 
aig  na  h-abstoil  air  Dia  goirid  an  deidh 
do  na  h-abstoil  a  bhi  marbh,  agus  gu'n  do 
thuit  i  cho  iosal  ri  linn  Chonstantin  agus 
anns  na  linntean  dorcha  'n  a  dheidh  sin  's 
nach  robh  an  Spiorad  Naomh  a'  labhairt 
innte  'idir.  Gun  teagamh  thainig  atharra- 
chadh  oirre  aig  am  an  Ath-leasachaidh, 
ach  cha  robh  iad  a'  creidsinn  gu'n  d'  aiseig 
e  air  ais  dhi  anail,  no  spiorad,  no  cumhachd 
na  h-eaglais  abstolaich.  Cha  do  leig  na 
Cairdean  an  rtm  so  riamh  as  an  sealladh, 
an  Eaglais  Abstolach  a  leantuinn  gu  dluth 
'n  an  creud,  'n  an  cleachdaidhean,  agus.'n 
an  doighean  aoraidh,  agus  tha  an  diadhair 
beachdail,  Deadhan  W.  R.  Inge,  ag  radh 
nach  'eil  Criosduidhean  eile  air  thalamh  cho 
coltach  ris  na  h-abstoil  agus  ris  na  ceud 
chreidmhich  ris  na  Quakers. 

Na  Sacramaidean 

Bhiodh  e  duUich  a  radh  le  cinnt  cia 
dhiubh  a  tha  so  fior  no  nach  'eil.  Chan 
'eil  teagamh  nach  'eil  e  fior  anns  an  t-seagh 
gu  bheil  iad  de  fhior  theaghlach  nan  abstol 
ann  an  ionracas  agus  naomhachd  an  caith- 
eamh  beatha,  an  cudthrom  a  tha  iad  a' 
cur  air  spioradalachd  anns  a'  bheatha 
dhiadhaidh,  agus  an  gaol  a  tha  aca  air 
sith  agus  air  samhchair  agus  air  oibre 
truacanta  is  trocaireach.  Ach  tha  e  duilich 
a  chreidsinn  gur  ann  o  na  h-abstoil  a  dh'  • 
ionnsaich  iad  am  fasan  a  tha  aca  a  thaobh 
nan  Sacramaidean.  Chan  'eil  iad  a'  frith- 
ealadh  nan  sacramaidean  idir  a  chionn  nach 
'eil  iad  a'  creidsinn  gu  bheil  eifeachd  air 
bith  annta.  Tha  iad  a'  cur  a  leithid  de 
chudthrom  air  spioradalachd  agus  air  cum- 
hachd an  spioraid,  agus  air  an  t-solus  a 
tha  anns  an  anam  's  nach  'eil  feum  aca  air 
samhlaidhean,  no  air  meadhonan  grais,  no 
air  rud  air  bith  o'n  taobh  a  muigh,  'g  an 
cuideachadh.  ^ 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Na'n  abradh  tu  riu  gu'n  robh  iad  a' 
cur  aithne  Chriosd  an  suarachas  le  bhi 
a'  deanamh  dearmaid  air  Sacramaid  na 
Suipearach  dh'abradh  iad  riut  nach  do 
labhair  Criosd  am  facal  ud  riamh,  "  Deanaibh- 
sa  so  mar  chuimhneachan  ormsa."  Ged 
tha  iad  'n  an  daoine  faiceallach  agus  iriosal 
ann  an  doighean  eile  chan  'eil  iad  idir 
iriosal  an  uair  a  thoisicheas  iad  air  na 
Sgriobturan  fhosgladh  agus  a  mhineachadh. 
Gabhaidh  iad  ris  an  fhacal  agus  ris  an 
teagasg  anns  a'  BhiobuU  a  tha  a'  freagairt 
orra  fhein,  agus  cuiridh.  iad  cul  ri  facail 
nach  'eil  a'  freagairt  orra.  Chan  'eil  teagamh 
nach  'eil  sinn  uile  a'  deanam.h  so  ann  an 
tomhas,  ach  tha  mi  an  duil  gur  e  na  Quakers 
ciontaich  as  motha  anns  a'  cheum  so. 
Buidheann  dhaoine  nach  'eil  a'  creidsinn 
ann  an  sacramaidean,  no  ann  am  ministearan, 
no  ann  an  eaglais,  bhiodh  e  duilich  dhaibh 
iad  fhein  fhireanachadh  o  litir  an  Tiomnaidh 
Nuaidh,  no  o  eachdraidh  na  h-eaglais 
abstolaich. 

Is  e  an  fhirinn  nach  robh  uiread  dhiadh- 
airean  no  uiread  sgoilearan  aig  Comunn 
nan  Cairdean  's  a  bha  aca  de  naoimh,  ach 
ged  is  fhearr  naomh  na  sgoilear,  tha  feum 
air  an  sgoilear  aig  na  naoimh,  ged  nach 
biodh  ann  ach  gu'n  teid  aige  air  cuideachadh 
leo  am  Biobull  a  thuigsinn.  B'e  Seoras  Fox 
priomh-athair  nan  Cairdean,  agus  is  esan 
a  leag  na  bunaitean  air  a  bheil  iad  'n  an 
seasamh  gus  an  la  'n  diugh,  ach  ged  bha  e 
'n  a  dhuine  maith  aig  an  robh  inntinn 
gheur  is  onorach  is  laidir,  cha  bu  sgoilear 
e  agus  chan  urrainnear  gabhail  ri  cuid 
mhaith  de'n  teagasg  a  bhiodh  e  a'  tarruing 
as  a'  Bhiobull,  gu  sonraichte  a  Soisgeul 
Eoin. 

Abstol  lonmhuinn 

Cha  mhor  nach  faod  thu  a  radh  gur  e 
Eoin  abstol  ionmhuinn  nan  Cairdean,  oir 
is  e  an  soisgeul  a  sgriobh  e  as  biadh  agus 
deoch  dhaibh,  agus  is  e  an  fhior  aobhar 
nach  'eil  iad  a'  coim.head  Suipear  an  Tigh- 
earna  nach  'eil  Eoin  ag  ainmeachadh  gu'n 
do  chuir  Criosd  air  chois  an  t-sacramaid 
so  idir.  Ann  an  Soisgeul  Eoin  tha  iad  a' 
faotainn  diadhaidheachd  an  Spioraid  gun 
bhuintealas  a  bhi  aice  ris  an  fheoil,  no  ri 
foirm  orduighean,  no  ri  deas-ghnathanna, 
no  ri  lagh  no  riaghailt  o'n  taobh  a  muigh, 
ach  an  Spiorad  'n  a  Sholus  'n  an  anam 
fhein,  a'  toirt  beatha  dhaibh  agus  gradh 
agus   aoibhneas. 

Ged  tha  meas  mor  orra  air  feadh  an 
t-saoghail  uile  mar  dhaoine  maith,  chan 
'eil  iad  na's  lionmhoire  an  diugh  na  bha 
iad   o   chionn  nan   ceudan   bliadhna,    agus 


cha  mho  a  tha  a  choslas  orra  gu  bheil  an 
aireamh  a'  dol  am  meud  anns  an  linn  so. 
Is  e  an  fhirinn  nach  gabh  eaglais  togail 
air  na  puingean  beaga  a  tha  a'  dealachadh 
Comunn  nan  Cairdean  o  eaglaisean  mora 
na  Criosdachd.  Chan  'eil  prionnspal  no 
cleachdadh  aca  nach  faodadh  iad  leantuinn 
riu  anns  an  Eaglais  Shasunnaich,  no  an 
Eaglais  na  h-Alba,  no  anns  an  Eaglais 
Shaoir.  Ma  tha  naoimh  'n  am  measg, 
agus  Pacifists,  agus  daoine  spioradail  agus 
qlann  an  t-soluis  a  tha  a'  creidsinn  ann  an 
treorachadh  an  Spioraid  Naoimh,  agus 
daoine  aig  a  bheil  gaol  air  simplidheachd 
'n  an  cainnt,  'n  an  aodach,  'n  am  biadh, 
'n  an  aoradh,  agus  'n  am  beatha  uile,  tha 
an  seorsa  dhaoine  sin  anns  na  h-eaglaisean 
uile,  agus  aireamh  as  mo  dhiubh  na  tha 
anns  an  t-saoghal  uile  de  na  Quakers.  Mar 
so  bhiodh  e  duilich  dhaibh  iad  fhein  fhirean- 
achadh ann  a  bhi  a'  briseadh  air  falbh 
o'n  eaglais,  agus  a'  seasamh  a  mach  mar 
fhior  luchd-leanmhuinn  nan  abstol.  Cha 
rachadh  a  bheag  de  na  sgoilearan  as  fhearr 
leo  anns  a'  mhineachadh  a  bhios  iad  a' 
deanamh  air  an  Tiomnadh  Nuadh. 

Pacifists 

Is  e  na  Quakers  an  aon  bhuidheann  am 
measg  uile  Chriosdaidhean  an  t-saoghail 
a  tha  aon-sgeulach  'n  am  measg  fhein 
gu  bheil  e  cearr  do  Chriosdaidhean  cuid 
no  pairt  a  bhi  aca  ann  an  cogadh.  Theagamh 
gu  bheil  so  rud  beag  na's  laidire  na  chuireadh 
iad  fhein  e,  ach  tha  e  cho  follaiseach  do'n 
t-saoghal  gu  bheil  iad  gu  coguiseach  a' 
creidsinn  gu  bheil  cogadh  'n  a  ni  toirmisgte 
dhaibh  's  gu'm  bu  leor  do  dhuine  a  bha  air  a 
ghairm  do'n  arm  an  1914-18  no  an  1939-45 
a  radh  gur  e  Quaker  a  bha  ann,  is  gheibheadh 
e  as  gun  an  tuilleadh  ceasnachaidh  a  bhi 
air  a  dheanamh.  Tha  iad  cho  dileas  agus 
seasmhach  anns  an  fhianuis  a  tha  iad  a' 
togail  an  aghaidh  cogaidh  o  chionn  tri 
cheud  bliadhna  's  nach  robh  cuirt  lagha 
no  Oifigeach  airm  a  ghabhadh  orra  fhein  a 
radh  gur  e  eagal  no  gealtachd  a  bha  toirt 
orra  seasamh  a  mach  o'n  chogadh,  agus 
nach  e  an  coguis. 

Cia  dhiubh  a  tha  iad  ceart  no  cearr  a 
thaobh  cogaidh,  cha  bu  mhisd  an  saoghal 
grunnan  beag  a  bhi  anns  a'  h-uile  dtithaich 
fo'n  ghrein  de  dhaoine  tiirail  agus  diadhaidh 
a  tha  suidhichte  air  cogadh  a  sheachnadh 
agus  sith  a  dheanamh,  ciod  air  bith  an 
call  saoghalta  no  an  tamailt  a  bheir  sin 
orra  fhein  no  air  an  rioghachd  d'am  buin 
iad,  agus  a  tha  deas  gu  dol  gu  bas  ma's 
fheudar  e  air  son  an  creidimh.  Ged  nach 
teid  na  Quakers  do'n  arm  tha  iad  anabarrach 


ANNS  A'  CHATHAIR 


iochdmhor  agus  dichiollach  ann  an  oibre 
graidh  agus  trocair  ri  truaghain  air  an  d' 
thainig  call  no  briseadh-cridhe  an  lorg 
cogaidh. 

Moran  ghuthan 

Mar  a  tha  Pol  ag  radh  tha  moran  ghuthan 
anns  an  t-saoghal,  agus  chan  'eil  a  h-aon 
dhiubh  gun  seagh.  Mur  bheil  barrachd  de'n 
Fhirinn  aig  na  Quakers  's  a  tha  aig  na  h- 
eaglaisean  mora,  tha  doighean  agus  cleach- 


daidhean  aca  a  bu  mhaith  dhuinn  uile  a 
leantuinn,  agus  gu  sonruichte,  tha  inntinn 
chiuin  is  iriosal  annta  agus  gradh  braithreil  a 
thairngeas  do  chridhe  chuca.  Ma  bu  mhaith 
leat  leabhraichean  a  leughadh  a  ni  feum 
do  d'anam  leugh  an  Journal  a  sgriobh 
Seoras  Fox,  an  Journal  a  sgriobh  Iain 
Woolman,  an  leabhar  a  sgriobh  Uilleam 
Perm,  Fruits  of  Solitude,  agus  B^rdachd 
I.  G.  Whittier,  ceathrar  Chair  dean  air  am 
bi  cuimhne  bhuan. 


Fear  nan  euchdan 


GED  bhiodh  an  t-ainm  Admirable  Crichton 
a'  tachairt  orm  an  drasd  's  a  ris  ann  an 
leabhraichean  agus  ann  am  paipearan  naidh- 
eachd,  cha  mhor  nach  'eil  naire  orm  innseadh 
nach  do  chuir  mi  riamh  de  dhragh  orm 
fhein  's  gu'n  d'  fhuair  mi  a  mach  ciod  an 
seorsa  duine  a  bha  ann,  no  car  son  a  thugadh 
dha  an  t-ainm.  Bha  mi  a'  tuigsinn  maith 
gu  leor  gur  ann  a'  moladh  duine  a  bhiodh 
leabhar  no  paipear  an  uair  a  theireadh 
iad  uime  gur  e  fior  Admirable  Crichton  a 
bha  ann ;  gu'm  bu  duine  e  a  b'urrainn 
lamh  a  chur  ann  am  fichead  rud  aig  nach 
robh  buintealas  ri  cheile,  agus  a  b'urrainn 
a  h-uile  rud  dhiubh  a  dheanamh  na  b' 
fhearr  na  dheanadh  daoine  eile  iad.  Ach 
cha  robh  dad  a  dh'  fhios  agam  ciod  iad 
na  nithean  anns  an  robh  lamh  aig  Crichton, 
no  na  nithean  anns  an  d'thug  e  barr  air 
a  chomh-aoisean. 

Ach  an  la  roimhe  ann  an  Dtm-eideann, 
ann  am  fear  de  na  bocsaichean  aig  dorus 
buth  leabhraichean,  chunnaic  mi  seann 
leabhar  tiugh  a  bha  air  a  chur  a  mach  an 
1823  aig  pris  naoi  tasdain,  ach  a  bha  a 
nis  air  a  thairgsinn  air  sia  sgUlinnean, 
mu'n  duine  ainmeil  ud.  Anns  na  laithean 
so  chan  'eil  e  mor  na  gheibh  thu  air  sia 
sgillinnean  de  rud  air  bith,  agus  smuainich 
mi  gu'm  biodh  e  narach  dhomh  bealach 
fhagail  'n  am  eolas  a  ghabhadh  caradh  air 
son  sia  sgillinnean,  agus  tamaUteach  do  m' 
fhear-diithcha  a  bha  aon  uair  cho  ainmeil 
ann  am  Paris  agus  ann  am  Padua  's  a  bha 
6  an  Albainn  a  bhi  air  a  thilgeadh  ann  am 
bocsa  nan  sgilleannan  'n  a  dhiithaich  fhein. 
Mar  sin  thug  mi  leam  an  leabhar  agus 
leugh  mi  e  m'an  do  chaidil  mi  an  oidhche 
ud,  ach  a  mhain  a'  chuid  sin  dheth  a  bha 
air  a  sgriobhadh  an  Laideann.  B'e  aon 
de  thalantan  Chrichton  gu'n  sgriobhadh  e 
bardachd  an  Laideann. 

Rugadh  e  an  August,  1560,  mac  do  Raibeart 
Crichton  a  bha  'n  a  Lord  Advocate  aig 
Bajirigh  Mairi  agus  aig  Righ   Seumas  VI. 


B'i  a  mhathair  Ealasaid  Stiiibhard,  nighean 
do'n  Ridire  Seumas  Stiiibhard,  tighearna- 
fearainn  an  lonar-ar.  Mar  so  bha  e  'na 
dhuin-uasal  a  thaobh  a  dhuthchais  agus  a 
bhreith  cho  maith  ri  bhi  uasal  'na  choltas 
agus  'na  ghne.  Air  taobh  a  mhathar  bha 
full  rioghail  ann. 

Aig  aois  dheich  bliadhna  chaidh  Seumas 
Crichton  do  Oilthigh  ChiU-rimhinn,  an  sgoil- 
fhoghluim  a  b'ainmeile  an  Albainn  's  an 
am,  is  bha  e  cho  furasda  dha  canainean 
ionnsachadh  agus  gach  gne  eolais  agus 
ealain  a  thogaU  's  gu'n  do  chuir  e  an  luchd- 
teagaisg  'n  an  cabhaig  a  chumail  suas  ris. 

Chaidh  a  chliii  an  CUl-rimhinn  am  fad  's 
am  farsuingeachd,  ach  bu  shuarach  an 
t-urram  a  thugadh  dha  'n  a  dhiithaich 
fhein  an  coimeas  ris  an  urram  a  thugadh 
dha  ann  an  oUthighean  air  tir-mor  na  Roinn- 
Eorpa,  far  an  deachaidh  e  an  deidh  dha 
Cill-rimhinn   fhagail. 

Bearradaireachd  sgoilearan 

Anns  na  laithean  ud  bha  e  'n  a  chleachdadh 
aig  sgoilearan  agus  feallsanaich  a  bhi  a' 
deasbud  gu  follaiseach  ann  an  comhraig- 
bhriathran,  feuch  c6  aca  a  bheireadh  a' 
bhuaidh  air  each  le  gheiread  agus  'eolas, 
direach  mar  tha  oigridh  an  t-saoghaU  a' 
raiteachas  ri  cheile  an  diugh  fhathast  aig 
Wembly.  Chan  'eil  miighadh  eadar  na 
luth-chleasan  a  chunnacas  an  Lunnainn 
air  a'  mhios  a  chaidh  sea  chad  agus  an  deasbud 
a  bhiodh  aig  ceatharnaich  an  Eolais  am 
Paris,  am  Padua,  agus  anns  an  Roimh, 
ach  a  mhain  gu  bheU  dearbhadh  air  a 
chur  air  anail  agus  feithean  a'  chuirp  ann 
an  Wembly  agus  gu  robh  dearbhadh  air  a 
chur  air  neart  agus  geiread  na  h-inntinn 
ann  am  Paris.  Bha  so  ann  o  thoiseach  an 
t-saoghail,  agus  theagamh  gu'm  bi  e  ann 
gu  brath,  oir  chan  'eil  seorsa  naidheachdan 
as  fhearr  le  sliochd  Adhaimh  na  bhi  a' 
cluinntinn  mu  euchdan  Shamsoin  agus 
mu'n  chomhraig'  a  bha  eadar  Goliath  agus 


6 


FEAR    NAN    EUCHDAN 


Daibhidh.  Cha  bu  mhisd  an  saoghal  na'n 
cnuasaicheadh,  na  riaghlairean  air  a'  cheist 
so,  "  Car  son  a  tha  seachd  ceud  Quaker 
cruinn  ann  an  Dun-eideann  agus  sia  mile 
de  cheatharnaich  na  feola  cruinn  ann  an 
Wembly  ?  "  Aonachd  anns  an  t-saoghal 
so !  Och,  Och  ;  Am  faod  dithis  imeacM 
le  cheile  mur  bi  iad  reidh  ? 

Ann  am  Paris 

Cha  robh  Seumas  Crichton  ach  beagan 
uine  ann  am  Paris  an  uair  a  chuir  e  sgoilearan 
agus  feallsanaich  agus  luchd-ealain  na  Frainge 
gu'n  dulain,  a'  tairgsinn  dhaibh  deasbud 
a  dheanamh  riu  gu  follaiseach  air  cuspair 
air  bith  a  thoilicheadh  iad,  agus  a'  tairgsinn 
dhaibh  cuideachd  gu'm  freagradh  e  ceist 
air  bith  a  chuireadh  iad  air.  Chuir  an  sanas 
so  o  sgoilear  cho  6g  ionghnadh  nach  bu 
bheag  air  daoine  f6ghluim.te  na  Frainge, 
ach  cha  robh  e  'na  fhasan  riamii  aig  a' 
choileach  Fhrangach  caonnag  a  sheachnadh, 
agus  sia  seachduinean  'n  a  dheidh  sud 
chaidh  an  deasbud  air  bhonn  ann  an  Colaisde 
Navarre,  an  lathair  uiread  mhiltean  de 
dhaoine  's  ged  b'e  tapaid  bhocsairean  a 
bha  ann. 

Ann  an  cainnt  nan  sealgairean  cha  d'thug 
sgoilearan  mora  agus  feallsanaich  na  Frainge 
ite  as  an  Albannach  6g,  agus  dh'  aidich 
Ard-cheann  a'  Cholaisde  agus  ceithir  de 
na  Professors  gur  ann  aige  a  bha  a'  bhuaidh 
gun  teagamh.  Ged  chuir  e  farran  air  na 
feallsanaich  aosda  thaitinn  e  gu  h-anabarrach 
ris  an  luchd-eisdeachd  cho  furasda  's  a 
bha  e  dha  cnag  a  chur  anns  gach  toll  a 
dheanadh  iad,  agus  freagairt  a  thoirt  dhaibh 
do  na  ceistean  domhain  a  chuir  iad  air, 
mar  gu'n  robh  an  fhreagairt  deas  aige  air 
barraibh  a  mheoir.  Bha  e  fileanta  agus 
deas-bhriathrach  agus  luath  'n  a  inntinn 
a  thuilleadh  air  colas  farsuing  a  bhi  aige, 
air  chor  agus  gu'm  bu  dana  do  neach  aig 
nach  robh  ach  da  thalann  no  eadhon  coig 
dol  ann  an  argumaid  ris. 

An  deidh  dha  a'  chuid  a  b'fhearr  fhaotainn 
de  sgoilearan  na  Frainge  bha  urram  air 
a  thoirt  dha  ann  am  Paris  m.ar  gu'm  bu 
mhac  righ  e,  agus  cha  robh  club  no  camp 
no  Colaisde  no  luchairt  nach  deanadh  a 
bheatha,  agus  nach  biodh  m.6r  asda  fhein 
na'n  gabhadh  e .  aoigheachd  bhuapa. 

Thachair  a'  cheart  rud  do  sgoilearan 
na  h-Eadailt  a  thachair  do  na  Frangaich 
an  uair  a  chaidh  Seumas  Crichton  'n  am 
measg,  ma's  fior  an  sgeul.  Chuir  e  a'  ghlas- 
ghuib  orra  uile  mar  nach  robh  annta  ach 


paisdean.  Chan  'eil  e  air  innseadh  anns  an 
leabhar  ciod  an  doigh  deasboireachd  a 
bha  aige,  ach  a  reir  choltais  bha  e  a'  faotainn 
na  buadha  cho  reidh  's  gu'm  bu  mhath 
leam  a  chluinntinn  ann  an  argumaid  ri 
Socrates  no  ris  an  Ollamh  Maclain. 

Uasal  'n  a  choltas 

Ach  bha  am  miighadh  so  eadar  Seumas 
Crichton  agus  an  dithis  sin,  nach  do  sheinn 
bard  mu  dhreachmhorachd  am  bodhaig-san, 
no  mu  mhaise  am  pearsa  agus  an  aodainn, 
ach  an  uair  a  thoisicheadh  na  baird  air 
seinn  mu  choslas  uasal  Chrichton  shaoileadh 
tu  gur  e  Mairi  Nighean  Alasdair  Ruaidh  a 
bha  a'  moladh  fear  de  Chloinn  MhicLeoid 
Dhim-bheagain. 

Bha  e  laidir  agus  liithor,  cumadail  agus 
direach  ;  maith  air  marcachd,  maith  air 
dannsa,  agus  cho  maith  air  ceol  's  gu'n 
cluicheadh  e  air  ceithir  no  coig  a  dh'  innealan. 
Bha  e  'n  a  fhear-claidheimh  cho  maith 
's  nach  robh  hully  air  tir-mor  na  h-E6rpa, 
eadar  Calais  agus  Venice,  nach  rachadh 
air  chrith  an  uair  a  chluinneadh  iad  gu 
robh  e  a'  tighinn  do'n  bhaile.  Sin  agad 
an  seorsa  duine  a  bha  anns  an  Admirable 
Crichton  ;  duine  a  bhiodh  a'  dol  sios  is 
suas,  ag  isleachadh  uabhar  bhragairean 
agus  gun  fhios  aige  gur  e  ceann-feadhna 
nam  bragairean  a  bha  ann  fhein.  Na'n 
robh  e  beo  an  diugh  (co  aige  a  tha  fhios 
nach  'eil,  oir  chan  'eil  seann  saighdearan  a' 
basachadh  idir)  chan  ann  am  measg  nan 
Quakers  an  Dim-eideann  a  gheibheadh  tu 
e  ach  ann  an  Wembly.  Na'n  robh  ealain 
agam-sa  air  a  dheanamh,  dh'  innsinn  mu 
reis  anns  nach  robh  dtiil  no  dochas  aig 
Breatunn  gu'm  biodh  a  Caoilte  fhein  air 
thoiseach.  Ach  stad  ort !  An  uair  a  tha 
Diiitseach  agus  Suaineach,  agus  duine  dubh 
a  Carolina,  a'  dluthachadh  ris  a'  Chomh- 
arradh,  gualann  ri  gualainn,  agus  cas  ri 
cois,  cinnteach  gur  ann  aig  fear  dhiubh  a 
bhiodh  a'  bhuaidh,  faic  Albannach  6g  a 
bha  a'  cumail  air  dheireadh  'na  cheart 
deoin  gus  a'  mhionaid  mu  dheireadh,  a  nis  a' 
luathachadh  a  cheum  agus  a'  dol  seachad 
air  an  Duitseach  agus  air  an  t-Suaineach 
agus  air  an  duine  dhubh  mar  a'  ghaoth, 
no  m.ar  theid  yacht  seachad  air  sgeir  mhara. 
Ho  re,  Ho  re,  o  leth-cheud  mile  beul ;  tha 
aon  ite  am  boineid  Bhreatuinn  co  dhiubh. 
Co  an  t-Albannach  6g  a  choisinn  an  duals 
cho  furasda  's  nach  robh  uiread  agus  fallus 
no  cion  analach  air  ?  Co  ach  an  t-  Admirable 
Crichton,  air  tighinn  air  ais  ? 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Ollamh  Iain  MacLedid 

CHA  mhor  nach  'eil  uiread  caoidh  air  an 
Ollamh  MacLeoid  ann  an  Eaglais  na  h-Alba 
's  a  tha  air  anns  an  Eaglais  Shaoir,  oir  bu 
duine  cho  maith  agus  cho  Criosdail  e  's 
nach  b'  ann  mar  mhinistear  de'n  Eaglais 
Shaoir  a  bhithinn-sa  co  dhiubh  a'  smuain- 
eachadh  air  ach  mar  aon  de  naoimh  na 
h-Eaglais  choitchinn. 

Cha  robh  e  furasda  eolas  a  chur  air,  oir 
ged  thachair  sinn  air  a  cheile  iomadh  uair, 
bha  e  cho  seanchasail  mu  leabhraichean 
Gaidhlig,  mu  bheul-labhairt  nan  aithrichean, 
agus  mu  sgoilearachd  Ghreigis,  's  gu'n 
cumadh  e  air,  a'  bruidhinn  umpa  gun  sgur 
aon  mhionaid  eadar  Dim-eideann  agus  lonar- 
nis,  gun  tighinn  thairis  idir  air  gin  de  na 
nithean  eile  air  am  bu  mhaith  leam  a 
bheachdan  a  chluinntinn,  agus  a  bhreith- 
neachadh  agus  fhiosrachadh  a  chur  taobh 
ri  taobh  ri  m'  bhreithneachadh  agus  ri  m' 
fhiosrachadh  fhein.  Dh'  fhanadh  e  daonnan 
an  taobh-a-muigh  de  bhallachan  Shioin, 
gun  sealladh  a  thoirt  dhuit  air  an  altair, 
no  au"  an  teine  a  bha  beo  air. 

Anns  a'  bheagan  eolais  a  bha  agam  air 
cha  d'fhairich  mi  riamh  gu  robh  solus 
no  doimhrieachd  'n  a  inntinn  os  cionn  a' 
chumantais,  no  gu'n  robh  breithneachadh 
geur  is  laidir  aige  nach  robh  aig  moran  eile 
an  Albainn  'na  linn,  ach  thogadh  e  eolas, 
agus  gu  sonraichte  canainean,  mar  a  thogas 
sponge  a  Ian  a  dh'uisge  gun  oidhirp  gun  stri. 
'Na  choig  bliadhna  deug  b'  e  sgoUear  Laid- 
eann  is  Greigis  a  b'  fhearr  anns  an  sgoil 
ainmeil,  Sgoil  Ghramair  Obar-eathain  ;  agus 
'n  a  ochd  bliadhna  deug  b'  e  sgoilear  a 
b'  fhearr  am  measg  nan  oileanach  a  fhuair 
M.A.  an  Obar-eathain  a'  bhliadhna  sin. 
Fhuair  e  M.A.  leis  an  urram  a  b'  airde, 
agus  duaisean  airgid  agus  medals  nach  ruig 
mi  a  leas  ainmeachadh.  Bha  na  Professors 
an  Oilthigh  Obar-eathain  air  son  gu'n 
rachadh  e  do  Chambridge  no  dh'Oxford, 
ach  cha  do  ghabh  e  an  comhairle,  oir  b' 
fhearr  leis  dol  gu  comhnadh  an  Tighearna  an 
aghaidh  nan  cumhachdach,  agus  an  ceann 
beagan  bhliadhnachan  dol  leis  an  dithis 
no  triuir  de  mhinistearan  a  dhealaich  ris 
an  Eaglais  Shaoir  aig  am  an  Declaratory  Act 
agus  a  chuir  air  chois  an  Eaglais  Shaor 
Chleireachail.     Fhuair  e  a'  chuid  mu  dheir- 


eadh  d'a  fhoghlum  anns  a'  Cholaisde  Nuadh 
an  Dim-eideann  agus  ann  an  Colaisde  an 
t-Seanaidh  am  Belfast. 

An  uair  a  bha  e  'n  a  bhalach  agus  'n  a 
ghille  6g  bha  connsachadh  agus  deasbud 
agus  roinnean  anns  an  Eaglais  Shaoir  anns 
a'  Ghaidhealtachd  nach  aithne  dhuinn  an 
diugh  idir,  cuid  a'  dol  le  Rainy  agus  le 
beachdan  ilra  agus  fasain  iira,  ach  cuid 
eile  a'  dliith-leantuinn  ris  na  beachdan  agus 
na  fasain  anns  an  do  thogadh  iad  o'n  oige. 
Ged  bha  Iain  MacLeoid  'na  sgoilear  Greigis 
cho  maith,  a  thaobh  eud  diadhaidh  agus 
f  ireantachd  an  lagha  bha  e  'n  a  Eabruidheach 
de  na  h-Eabhruidhich,  agus  cha  do  leig  e 
riamh  le  litreachas  na  Greige  no  le  fasain- 
smuaineachaidh  nan  Greugach  a  dhiithchas 
Eabhruidheach  a  thruailleadh,  no  buaidh  air 
bith  a  bhi  aca  air  a  bheachdan  no  air  a 
chleachdadh.  Bha  greim  a  bu  laidire  aig 
na  nithean  a  bha  air  an  teagasg  dha  le  a 
chuideachd  fhein  'n  a  leanabachd  air  inntinn 
na  bha  riamh  aig  Plato  no  Socrates.  Bha 
gaol  mor  aige  air  Plato  agus  Socrates,  agus 
air  Aristophanes  cuideachd,  ach  chiim  e 
riamh  iad  glaiste  ann  an  aon  seomar  d'  a 
inntinn,  dealaichte  o  na  seomraichean  eile 
anns  an  robh  a  bhith  agus  a  bheatha  aige 
gu  spioradail.  An  uair  a  chriochnaich  e  a 
chursa  an  Obar-eathain  agus  a  bha  an 
ceasnachadh-mdr  seachad,  is  ann  anmoch 
Di-sathuirne  a  bha  fhios  aig  na  Professors 
fhein  c6  de  na  h-oileanaich  a  rinn  gu  maith 
agus  CO  a  rinn  gu  dona,  air  chor  agus  nach 
cluinneadh  iad  am  binn  gu  maduinn  Di- 
luain.  Ach  air  maduinn  na  Sabaid  chaidh 
fear  de  na  Professors  aig  an  robh  meas  agus 
gaol  air  Iain  MacLeoid,  agus  anns  an  robh 
innigh  trocair,  a  dh'  aon  ghnothuch  a 
dh'  innseadh,  dha  gur  e  esan  a  bha  air 
thoiseach,  ach  chunnaic  e  gu'm  b'  fhearr 
le  Iain  MacLeoid  nach  deachaidh  e  ann,  a 
chionn  nach  ann  a  bhruidhinn  air  ceasnachadh 
no  obair  shaoghalta  a  bha  an  t-Sabaid. 

Sin  an  seorsa  duine  a  bha  ann  ;  cuimhne 
nach  gabhadh  tomhas,  ionracas  nach  gabhadh 
truailleadh,  dilseachd  do  theagasg  sonraichte 
nach  gabhadh  Itibadh,  agus  fileantachd 
bhriathran  a  bha  mar  abhainn, — b'  e  sin  na 
nithean  a  chunnaic  mise  ann  an  Iain 
MacLeoid,  anns  a'  bheagan  eolais  a  bha 
agam.  air.  Companach  air  turns  fada  cho 
uasal   agus   cho   inntinneach   's   a   thachair 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


riamh  orm  ;    bha  e  eho  furasda  dha  nithean 
nuadh   agus    sean   a   tharruing    a    mach    a 
tobar  a   chuimhne    's   nach  ruigeadh  tu  a 
leas   dad   eile   a   dheananh   ach   eisdeachd 
ris. 

Ged  a  bha  e  anns  an  Eaglais  Shaor 
Chleireachail  beagan  bhliadhnachan,  is  ann 
do'n  Eaglais  Shaoir  a  thug  e  a'  chuid  a 
b'  fhearr  de  sheirbhis  a  bheatha,  a'  teagasg 
nan  oileanach  oga,  agus  a'  giiilan  roinn 
mhaith  de'n  uaUach  a  bhuineas  do  riaghladh 
eaglais  agus  Colaisde.  O  1913  gu  1930  bha  e 
'na  mhinistear  anns  an  Eaglais  Shaoir  an 
lonar-nis ;  o  1925-30  bha  e  'n  a  fhear- 
cathrach  aig  Comhairle  an  Fhoghluim  anns 
an  t-Siorramachd.  Thug  Oilthigh  Obar- 
eathain  D.D.  dha  an  1927,  agus  rinn  an 
Eaglais  Shaor  fhein  Ard-cheann  a'  Cholaisde 
dheth. 

Bha  meas  mor  air  ann  am  baile  lonar-nis 
agus  anns  a'  Ghaidhealtachd  mu  Thuath, 
meas  nach  robh  air  pearsa  eaglais  eile  bho 
na  dh'  fhalbh  Tormod  MacLeoid. 

Fad  iomadh  bliadhna  bha  na  h-OUaimh 
Iain  MacLeoid,  agus  Domhnull  Mac  Ghill- 
eathain  agus  Alasdair  Stitibhard  anns  an 
Eaglais  Shaoir  mar  bha  an  triuir  dhaoine 
treuna  a  bha  aig  Daibhidh. 

Cha  do  sgriobh  Iain  MacLeoid  dad  a 
mhaireas  ;  snip  bheaga  agus  trealaich  mu 
na  "  Daoine  "  agus  mu  chuisean  eaglais  a 
tha  air  an  sgapadh  cheana  leis  a'  ghaoith. 
Ach  bidh  cuimhne  air  fhein  mar  dhuine 
ciuin  agus  gaolach,  duine  ionraic  air  am 
biodh  gaol  aig  Calum  Cille  a  chionn  gu'n 
do  ghleidh  e  o  'oige  gu  'aois  a  mhaitheas 
nadurra. 


An  t-OUamh  Edghan  Gilleasbuig  MacFhraing 

Bha  e  da  fhichead  's  a  h-aon  de  bhliad- 
nachan  ann  an  sgir  Chill-mhorac  far  an  do 
choimlion  e  a  dhreuchd  gu  h-uasal  agus  gu 
sitheil,  agus  far  an  do  choisinn  e  gean-maith 
agus  meas  a  choimhthionail  fhein  agus 
muinntir  na  duthcha  uile.  Bha  e  'n  a 
sgoilear  maith  agus  'n  a  shearmonaiche 
maith,  agus  cha  do  chaill  e  riamh  an  gaol 
a  bha  aige  air  deasbud  nan  diadhairean 
agus  nam  feallsanach.  A'  bhliadhna  mu 
dheireadh  d'a  bheatha  bha  e  a'  cur  creud 
goirid  an  eagaibh  a  cheile  a  bhiodh  freagar- 
rach  do  dhaoine  oga. 

Rugadh  e  an  Cinn-tir,  far  an  robh  athair 
'na  mhaighstir-sgoil ;  bha  e  air  oileanachadh 
an    Ard-sgoil    Ghlaschu,    agus    an    uair    a 


chriochnaich  e  a  chiirsa  an  Talla  na  Diad- 
hachd  fhuair  e  an  t-urram  a  b'airde  am 
measg  nan  oileanach  uile  a  thainig  a  mach 
a'  bhliadhna  sin,  am  Black  Theological 
Fellowship.  Bha  e  treis  'n  a  fhear-cuideach- 
aidh  an  Aird-ghobhar,  agus  'n  a  dheidh  sin 
an  Eaglais  Chaluim-Cille  an  Glaschu,  ach 
an  1891  bha  e  air  a  shuidheachadh  an 
CUl-mhorac,  far  an  do  shaothraich  e  gus  an 
do  leig  e  dheth  a  dhreuchd  ann  an  1932. 
Thug  Oilthigh  Ghlaschu  D.D.  dha  an  1919. 

Shiubhail  a  bhean  o  chionn  dusan  bliadhna, 
ach  dh'fhag  e  as  a  dheidh  aon  nighean  agus 
da  mhac.  Bha  an  nighean  a'  gleidheadh 
an  tighe  leis  an  Dun-eideann ;  tha  fear 
de  na  mic  'n  a  lighiche  ann  an  Sasunn,  agus 
an  fear  eUe  'n  a  mhinifetear  an  Eaglais  na 
Trianaid  Naoimh,  an  Cill-rimhinn.  Anns 
a'  chogadh  mu  dheireadh  bha  e  anns  an 
Fhraing  'n  a  mhinistear-airm  leis  an  51  st 
Division,  i(na  reiseamaidean  Gaidhealach) 
ach  am  f  lor  thoiseach  na  tapaid  bha  iad  uUe 
air  an  glacadh  leis  na  GearmaUtich  agus 
air  an  cumail  'n  am  priosanaich  gus  an  do 
sguir  an  cogadh.  Gus  an  uine  a  chur  seachad 
gun  sgiths,  agus  cianalas  a  chumail  air 
falbh,  thoisich  Mghr  MacFhraing  air  Gaidhlig 
ionnsachadh,  agus  chaidh  leis  cho  maith 
's  gu'n  teid  aige  a  nis  air  Gaidhlig  a  leughadh 
agus  a  sgriobhadh  gu  gasda.  0  chionn 
ghoirid  thug  mi  am  foUais  air  an  duUleig  so 
crioman  Gaidhlig  a  sgriobh  e  nach  cuireadh 
naire   air   Leodhasach   fhein. 

Cha  do  leig  Eoghan  MacFhraing  le 
'inntinn  no  le  sgoUearachd  fas  meirgeach 
ann  an  Cill-mhorac,  agus  cha  robh  rud  air 
an  t-saoghal  a-b'  fhearr  leis  no  seanchas  a 
bhi  aige  ri  daoine  aig  an  robh  uidh  anns  na 
ceistean  agus  na  ctiisean  mora  nach  gabh 
fuasgladh,  ged  a  shaoileas  sinn  gu  bheil 
sinn  'g  am  fuasgladh.  Ach  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  leig  e  dheth  a  bhi  a'  riasladh 
inntinn  le  deasbud  nam  feallsanach,  agus 
thug  e  'iiine  agus  'aire  do  riaghlaireachd  ; 
riaghladh  na  sgire  agus  riaghladh  na  h- 
eaglais.  Cha  robh  Comhairle  anns  a' 
Mhanchainn  nach  robh  e  oirre  ;  bha  e  'n 
a  Chleireach  aig  Cleir  lonar-Pheofharan 
sia  bliadhna  deug,  agus  'na  Chleireach  aig 
Seanadh  Rois  coig  bHadhna  fichead.  Bha 
e  'na  aon  de  na  Trustees  air  maoin  Eaglais 
na  h-Alba.  'N  a  chreud  agus  'n  a  chreideamh, 
'n  a  bheatha  agus  'n  a  bheachdan  (an 
ctiisean  na  h-eaglais  agus  an  ciiisean  na 
rioghachd)  b'  e  Liberal  a  bha  ann.  Bha  e 
sunndach  agus  laghach  agus  companta, 
agus  bha  meas  mor  aig  a  bhraithrean  uile 
air. 


Aireamh  lo 


1948 


Ar  dtithaich  air  neamh 

Oir  iha  ar  caithe-beatha-ne  air  neamh,  an  t-ionad  as  am  bheil  diiil  againn  fds  ris  an 
t-Slanuighear,  an  Tighearn  losa  Criosd,  a  chruth-atharraicheas  ar  corp  diblidh,  chum 
gu'n  deanar  e  comh-chosmhuil  r'a  chorp  glormhor  fdin,  a  rdir  an'  oibreachaidh  leis  am 
bheil  e  comasach  air  na  h-uile  nithean  a  chur  fo  cheannsal  f4in. — Philip  ui,  20-21. 


CHAN  'eil  gin  de  na  daoine  a  sgriobh  an 
Tiomnadh  Nuadh  cho  duilich  a  thuigsinn  ri 
Pol  ach  a  rahain  Eoin  anns  na  dubh-fhacail  a 
sgriobh  e  an  leabhar  an  Taisbeanaidh.  Tha 
e  anabarrach  duilich  criomain  shonruichte 
d'  a  litrichean  a  thionndadh  gu  G^idhlig,  no 
gu  canain  air  bith  eile.  Tha  ar  caithe- 
beatha-ne  air  neamh.  Ciod  a  tha  sin  a' 
ciallachadh  ?  Anns  a'  cheartachadh  mu 
dheireadh  a  rinneadh  air  a'  BhiobuU 
Ghaidhlig  tha  e  air  a  chur  mar  so,  Tha  ar 
diithaich-ne  air  neamh. 

Anns  a'  Bhiobull  Bheurla  aig  Righ  Seumas 
gheibh  thu  e  mar  so,  Our  conversation  is  in 
heaven,  agus  ann  an  eadar-theangachadh 
eile  a  bha  air  an  deanamh  'n  ar  linn  fhein 
tha  do  roghainn  agad  diubh  so. 

Our  citizenship  is  in  heaven.    (R.  V.) 
We  are  a  colony  of  heaven.    (Moffat.) 
The  commonwealth  to  which  we  belong  is 
in  heaven.     (Goodspeed.) 

Ged  tha  a  chomhnuidh  aig  a'  Chriosduidh 
anns  an  t-saoghal  so  an  drasd  chan  e  an  saogh- 
al  so  a  dhuthaich  no  a  dhachaidh  ;  tha  fhior 
dhachaidh  aige  ann  an  saoghal  eile,  an  saoghal 
far  a  bheil  Dia  agus  na  nithean  a  tha  'n  an 
ionmhas  d'a  anam.  Tha  e  mar  bha  na  h- 
Eileanaich  a  chaidh  a  null  do  Chanada,  a' 
saothrachadh  air  son  an  loin  ann  an  tir 
choimhich,  ach  fad  na  h-iiine  ag  ionndrainn 
duthaich  an  gaoil  air  taobh  thall  a'  chuain. 
Sin  mar  tha  an  Criosduidh  ;  chan  ann  air 
nithean  talmhaidh  a  tha  'aire,  ach  air  a 
bhaile  neamhaidh  aig  am  bheil  bunaitean, 
air  am  bheil  Dia  'n  a  fhear-dealbhaidh  agus 
'n  a  fhear-togail. 

Tha  ar  diithaich-ne  air  neamh. 

Uair  a  bha  an  t-Ollamh  Dughall  Mac 
Ph^rlain  a'  cur  seachad  oidhche  leam  agus 
e  air  tighinn  air  ais  a  Tiriodh,  dh'innis  e 
dhomh  mu  fhacal  a  thoirt  seann  duine  ris  a 
thachair  ris  air  an  rathad-mhor.  Bha  seana 
larach-tighe  ri  taobh  an  rathaid,  fas  gun 
duine   ann   o   chionn  tri  fichead  bliadhna. 

"  Am  b'aithhe  dhuibh-se  "  thuirt  an  t- 
Ollamh  Mac  Pharlain,  "  am  fear  mu  dheir- 
eadh a  bha  anns  an  tigh  so  ?  " 


"  0,  b'aithne,"  ars  an  searm  duine,  agus 
an  sin  thug  e  dha  'ainm  agus  shloinneadh 
agus  na  daoine  a  bha  c^irdeach  dha. 

"  Gu  de  an  seorsa  duine  a  bha  ann  fh^in  ?  " 
dh'fhoighnich  am  ministear. 

Bha  an  seann  duine  mionaid  'n  a  thosd  m' 
an  do  fhreagair  e,  "  Is  e  a'  chuimhne  a  tha 
agam-sa  air,  gu'm  bu  duine  e  a  bha  inntinn 
daonnan  air  an  t-siorruidheachd." 

Sin  an  smuain  a  bha  ann  an  inntinn 
Phoil  an  uair  a  sgriobh  e  na  briathran  so  ; 
bha  e  a'  smuaineachadh  air  na  Criosduidhean 
anns  an  eaglais  mar  dhaoine  a  bha  an  inntinn 
daonnan  air  an  t-siorruidheachd,  a  chionn 
nach  b'e  an  saoghal  so  ceann-criche  an 
turuis  no  ionad  an  taimh.  Nach  bu  bhochd 
an  gnothuch  e  na'n  cuireadh  daoine  a  tha  'n 
an  luchd-aon-bhaile  ris  na  naoimh  agus  'n 
am  muinntir  teaghlaich  Dhe, — nach  bu 
bhochd  an  gnothuch  e  na'n  cuireadh  iad  an 
suar^ehas  an  inbhe  ard  a  thug  Dia  dhaibh, 
agus  na'n  dichuimhnicheadh  iad  crioch 
araidh  am  beatha  air  ghaol  nithean  talmh- 
aidh. Ach  tha  gu  leoir  de  dhaoine  a'  tighinn 
beo  mar  gu'm  b'e  an  uaigh  an  crioch  dheir- 
eannach,  agus  mar  nach  robh  saoghal  eile 
ann  ;  daoine  m'  am  bheil  Pol  ag  r^dh  gur 
dia  dhaibh  am  brii,  agus  gu  bheil  an  aire  air 
nithean  talmhaidh.  "  Tha  na  daoine  sin," 
tha  Pol  ag  radh  ris  na  creidmhich  an  Eaglais 
PhUippi,  "  fo  dhaorsa,  ach  tha  sibhse  a 
bhuineas  do'n  Jerusalem  a  tha  shuas,  saor, 
oir  is  e  lerusalem  a  tha  shuas  'ur  duthaich 
agus  'ur  mathair." 

Cha  robh  teagamh  air  bith  aig  P61  nach 
robh  na  creidmhich  a  bha  beo  'n  a  latha 
fhein,  a  bha  am  beatha  folaichte  maUle  ri 
Criosd  ann  an  Dia,  cheana  ann  an  comh- 
fhlaitheachd  a  b'airde,  ged  bha  am  beatha 
agus  an  obair  aca  anns  an  t-saoghal  so. 
Bha  an  aire  agus  an  ionndrainn  air  tir  an 
duthchais,  an  duthaich-neamhaidh  as  am 
bheil  dtiil  aca  ri  teachd  Chriosd  mar 
Shlanuighear,  a  chriochnaohadh  na  h-oibre 
annta  air  an  do  thoisich  e,  agus  a  thoirt  saorsa 
dhaibh  o  anfhajinachd  agus  o  chuing  na 
feola. 


AR  DUTHAICH  AIR  NEAMH 


Teampull  an  Spioraid 

Cha  d'thug  Pol  rianah  gnuis  do  theagasg 
nan  daoine  a  bhiodh  a'  bruidhinn  mu'n 
chorp  mar  nach  robh  ann  ach  rud  truaillidh, 
agus  cha  mho  a  rinn  e  an  dealachadh  a 
bhios  searmonaichean  a'  deanamh  eadar 
corp  agus  anam.  "  Nach  'eil  fhios  agaibh  " 
tha  e  ag  radh,  "  gur  e  'ur  corp  teampull  an 
Spioraid  Naoimh  a  tha  agaibh  o  Dhia."  A 
reir  a  theagaisg  tha  an  corp  ri  bhi  air  a 
shaoradh  cho  maith  ris  an  anam  le  cumh- 
achd  Chriosd,  oir  cha  dithis  iad  ach  aon, 
da  bhall  de  nadur  daonda  mhic  an  duine. 
Mar  sin  cha  bhi  an  obair  shaoraidh  a 
thainig  Criosd  a  dheanamh  anns  an  dutne 
criochnaichte  no  coimhlionta  gus  am  bi  an 
corp  air  a  shaoradh  agus  air  a  naomhachadh, 
agus  air  a  dheanamh  comh-chosmhuil  ri 
corp  gloire  Chriosd  (Chan  e  corp  glormhor 
Chriosd  ach  corp  Chriosd  ann  an  staid  a 
ghloire).  Is  diomhaireachd  mhor  so,  ach 
tha  Pol  a'  labhairt  mu  Chriosd,  agus  mu'n 
chruth-atharrachadh  a  thig  air  corp  diblidh 
a  shluaigh  an  uair  a  chuireas  e  uime  neo- 
bh^smhorachd,  agus  ciod  eile  ach  diomh- 
aireachd a  their  thu  ri  nithean  air  nach  riaig 
do  reuson  1 

Cionnus  a  dh'eireas  na  mairbh  ?  agus  ciod 
a'  ghne  cuirp  leis  an  tig  iad  ?  Sin  ceistean 
nach  urrainn  neach  air  bith  fhuasgladh  le 
cinnt ;  ceistean  air  nach  'eil  am  Biobull  a' 
cur  soluis,  acn  a  mhain  na  tha  Pol  ag  radh  ri 
eaglais  Chorint,  agus  na  dh'  fhaodas  sinn  a 
tharruing  le  ar  n-inntinn  fhein  o'n  atharr- 
achadh  a  thainig  air  corp  Chriosd  an  deidh 
dha  eirigh  o  na  mairbh.  Bu  dana  dhomhsa  no 
do  neach  eile  feuchainn  ri  dealbh  a'  chuirp 
neamhaidh  a  chur  ann  am  briathran  (chan 
e  mhain  gu'm  biodh  e  dana  ach  cha  bhiodh 


ann  ach  tulla  na  h-uipearachd),  agus  mar  sin 
leigidh  mi  leat-sa,  a  leughadair,  t'  inntinn 
agus  do  mhac-meanmain  spioradail  fhein  a 
chleachdadh  air  cainnt  Phoil. 

Cha  robh  Pol  a'  teagasg,  agus  cha  mho  a 
tha  an  eaglais  a'  teagasg,  gu'n  eirich  a'  cheart 
chorp  a  bha  air  a  chur  anns  an  uaigh,  ach 
gu'n  eirich  an  fhior  dhuine  ann  an  lanachd 
agus  iomlanachd  a  naduir  daonda.  Chan  'eil 
e  furasda  an  creideamh  agus  an  dochas  sin  a 
chur  ann  am  briathran  cho  soilleir  's  nach 
gabh  iad  fiaradh,  mar  tha  na  briathran 
"  Creideam  ann  an  aiseirigh  a'  chuirp  "  air 
am  fiaradh  le  moran  dhaoine. 

Cuirear  e  'n  a  chorp  nadurra  ;  eiridh  e  'n 

a  chorp  spioradail. 
Chan  fhaodar  le  fuil  agus  fedil  rioghachd 

Dhe  a  shealbhachadh  ni  mo  a  shealbh- 

aicheas  truaillidheachd  neo-thruaillidh- 

eachd. 
An  uair  a  chuireas  an  corp  hasmhor  neo- 

hhasmhorachd  uime  an  sin  coimhlionar 

am  facal  a   tha  sgriobhte,   Shluigeadh 

suas  am  has  le  huaidh. 

Nach  fhada  air  falbh  o  inntinn  Phoil  an 
inntinn  a  tha  ann  am  moran  dhaoine  an 
diugh,  esan  a'  creidsinn  gur  e  neamh  ar 
duthaich  agus  ar  dachaidh,  gur  e  an  saoghal 
siorruidh  agus  spioradail  an  saoghal  fior, 
agus  iadsan  gun  smuain  aca  ach  ar  nithean 
aimsireil  agus  saoghalta,  biadh  agus  aodach 
agus  comhfhurtachd  na  feola,  agus  ceart 
coma  ged  nach  'eil  ionndrainn  no  eolas  aca 
air  Dia  no  dochas  ri  beatha  mhaireannach. 

Co  aca  a  tha  air  mhi-cheill,  Pol  no  na  daoine 
aig  a  bheil  an  tiidh  agus  an  ionmhas  uUe  anns 
an  t-saoghal  so  ? 


Anns  a'  Chathair 


CHA  robh  Seumas  Fowler,  M.A.,  B.D.,  ach 
se  deug  is  d^  fhichead  an  uair  a  leig  e  dheth 
obair  na  sgire,  ach  bha  e  deich  bliadhna 
f ichead  ann  an  Cill-asgaig,  is  bhiodh  e  ag 
radh  ris  na  foirbhich  agus  ri  cuid  de'n 
choimthional  nach  bu  mhisd  iad  guth  ur  a 
chluinntinn.  Ach  chan  e  sin  a  bhiodh  e  ag 
radh  ris  fhein  ;  bhiodh  e  ag  radh  ris  fhein 
nach  criochnaicheadh  e  gu  brath  obair  eile 
a  bha  air  a  lamhan,  agus  leis  an  robh  diiil 
aige  gu'm  faigheadh  e  Ph.D.  o  Oilthigh  Chill- 
rimhinn,  na'm  fanadh  e  na  b'fhaide  an  Cill- 
asgaig,  far  an  robh  obair  na  sgire  cho  trom 
's  nach  robh  uine  aige  air  an  obair-sgoilear- 
achd  a  bha  'n  a  bheachd  a  dheanamh.  Mar 
sin  thug  e  sanas  do'n  Chleir,  agus  do'n 
choimhthional,    agus    d'a    ch^irdean    fhein, 


gu'n  robh  e  dol  a  leigeil  dheth  na  sgire  aig  a' 
Bhealltainn. 

An  taobh  a  stigh  de  sheachduin  bha  a  thri 
peathraichean  anns  a'  Mhanse,  agus  amharus 
aca  gu'n  robh  rudeigin  cearr,  an  dara  cuid  gu 
robh  a  shlainte  dona  agus  a'  cur  cilraim  air, 
no  gu  robh  e  a'  dol  as  a  chiall.  Ach  bha  e 
furasda  gu  leor  dha  an  cur  as  am  beachd  a 
thaobh  a  cheille  agus  a  shlainte.  An  uair  a 
chunnaic  iad  nach  robh  dad  cearr  dh'  fhalbh 
iad  gu  h-aoibheil  toilichte,  ach  coltach  ri 
Neach  eile  cha  d'fhalbh  an  te  bu  shine  uaith 
ach  re  tamuilL  boirionnach  laidir  saoghalta 
a  bha  a'  riaghladh  a  h-uile  duine  a  bhuineadh 
dhi  o  bha  i  f ichead  bliadhna.  An  ceann 
seachduin  bha  ise  air  a  h-ais,  agus  an  sin 
thoisich  gleachd-na-caraid  as  hx. 


ANNS  A'  CPCATHAIR 


Ged  dh'fheuch  a  phiuthar  iomadh  uair  ri 
toirt  air  Seumas  Fowler  posadh,  dh'fhairtlich 
e  oirre,  oir  bha  cnaimh  de'n  dannarraehd  ann 
a  bha  innte  fhein,  ach  an  uair  a  cheasnaich.  i  e 
mu'n  phension  a  bhiodh  aige,  agus  mu'n 
airgiod  a  chuir  e  mu  seach,  agus  mu'n 
chosdus  a  bha  roimhe,  agus  na  bliadhnachan 
a  dh'fhaodadh  e  a  bhi  beo  fhathast  air  tigh- 
inn-a-stigh  lorn,  chuir  i  fiamh  'n  a  chridhe 
nach  d'fhairich  e  riamh  roimh,  agus  aith- 
reachas  gu'n  d'  iarr  e  air  a'  Chleir  a  leigeil  mu 
reir.  Ach  bha  e  a  nis  ro  anmoch  tarruing  air 
ais. 

Chunnaic  Ceit  (b'e  sin  ainm  a  pheathar) 
am  fiamh  a  chuir  ceasnachadh  m'a  chiiisean 
saoghalta  'n  a  shuil,  ach  bha  i  cho  seolta  's 
nach  d'thug  i  an  tuilleadh  iomraidh  air 
posadh,  no  air  cosdus  tighe,  ho  air  tighinn-a- 
stigh  lorn.  Ach  mar  eunadair  no  mar  shean- 
ailear  airm  sgaoil  i  an  lion.  Thug  i  air  a 
ghealltainn  dhi  gu'n  rachadh  e  a  dh'fhuireach 
comhla  rithe  fhein  agus  ris  an  duine  aice 
anns  an  Oban  mios  no  dha  gus  am  faigheadh 
e  tigh,  agus  gu'm  biodh  seomar  samhach  aige 
dha  fhein  far  am  faodadh  e  a  leor  sgriobhaidh 
a  dheanamh.  Ach  cha  d'innis  i  dha  mu'n 
bhantraich  a  roghnaich  i  cheana  dha  mar 
mhnaoi,  boirionnach  beadarrach  mu  leth 
cheud  aig  an  robh  tigh  maith  agus  pailteas 
airgid. 

Cha  luaithe  a  chaidh  Seumas  Fowler  do'n 
Oban  na  thoisich  a  phiuthar,  agus  bean  a' 
chemist,  agus  te  no  dha  eile  air  pearrtaidhean 
a  bhi  aca,  agus  aig  a  h-uile  pearrtaidh  bhiodh 
am  ministcar  agus  a'  bhantrach  am  measg 
nan  aoighean.  An  Di-luain  nach  biodh 
pearrtaidh  aig  gin  dhiubh,  no  aig  a'  bhan- 
traich fhein,  rachadh  deich  no  dusan  dhiubh 
air  turus-mara  do  Chearara,  no  do  Liosmor, 
agus  mur  biodh  pearrtaidh  aca  air  la  eile 
de'n  t-seachduin  bhiodh  cuirm-chnuic  aca 
do'n  Apuinn,  no  do  Mheadar-loch,  no  do'n 
Chonghaill. 

Ach  car  son  a  bhithinn  a'  cur  seachad  uine 
ag  innseadh  mu  na  nithean  sin  ;  ged  is  ann 
ann  an  inntinn  laidir  shaoghalta  a  pheathar 
a  thoisich  an  rud,  tharruing  a'  bhantrach 
agus  an  t-Urramach  Seumas  Fowler,  M.A., 
B.D.,  ri  cheile  gu  toileach,  agus  an  deireadh 
an  t-samhraidh  bha  iad  air  am  posadh 
leis  an  Urramach  Eachann  Camshron,  anns 
an  Eaglais  Ghaidhealaich  's  an  Oban.  Aig  an 
dinneir  an  deidh  a'  phosaidh  rinn  Eachann 
Camshron  oraid  a  bha  cho  Ian  de  dhubh- 
fhacail,  agus  de  chosmhalachdan,  agus  de 
naidheachdan  laghach  abhachdach,  's  gu 
bheil  cuimhne  aig  muinntir  an  Obain  fhathast 
air  banais  na  bantraich.  Ged  bha  piobaire  a' 
cluich  Gu  de  chuireadh  mulad  ort  latha  do 
bhainnse,  an  uair  a  bha  iad  a'  dol  suas  do'n 


eaglais,  cha  robh  Seumas  Fowler  gun  mhulad 
'n  a  inntinn,  oir  bha  fhios  aige  'n  a  chridhe 
nach  criochnaicheadh  e  gu  brath  am  paipear- 
mor  a  rimaich  e  a  chur  gu  Oilthigh  Chill- 
rimhinn  mu'n  deasbud  a  bha  eadar  Pelagius 
agus  Augustin.  So,  ma  ta,  a'  cheud  chaib- 
ideal  de  naidheachd  bhronach. 


Tha  an  dara  caibideal  a'  toiseachadh  an 
uair  a  chaidh  a  charaid  phosda  air  sgriob 
do  Dhun-eideann.  Bha  Show  chon  ann  am 
Margadh  Waverley  aig  an  am,  agus  la  de  na 
laithean  an  uair  a  chual  iad  comhfhartaich 
nan  con  anns  an  dol  seachad,  agus  gun  dad 
a  b'fhearr  aca  ri  dheanamh,  chaidh  iad  a 
steach  do'n  Mhargadh.  Obh,  Obh,  b'e  sud 
an  sealladh  ;  cha  robh  fhios  aca  gu  robh 
uiread  sheorsachan  chon  air  an  t-saoghal  's 
a  bha  am  Margadh  Waverley  ;  coin  mhora 
agus  coin  bheaga ;  cuid  dhiubh  cho  mor  ri 
ponaidh  Sealtainneach  agus  cuid  dhiubh  cho 
beag  's  gu'n  cuireadh  tu  'n  ad  phoc-achlais 
iad  ;  coin  de  gach  seorsa  datha  agus  cum- 
aidh  ;  cuid  air  an  robh  fionnadh  fada  agus 
cuid  eile  cho  lom  's  a'  bhian  ri  fathach- 
thalmhainn ;  cuid  dhiubh  air  an  robh  am 
fionna  air  fhagail  mar  dh'fhas  e  orra  gu 
nadurra,  agus  cuid  dhiubh  air  an  Iomadh  air 
criomain  d'  an  cuirp  mar  gu'm  faiceadh  tu 
fraoch  air  a  losgadh  'n  a  chearnagan  beaga. 

Cha  robh  gin  dhiubh  aig  nach  robh  gille- 
frithealaidh  no  bean-fhrithealaidh  'n  a  chois, 
am  bitheantas  bean-fhrithealaidh  aig  an 
fheadhainn  bheaga,  agus  chitheadh  tu 
mnathan-uaisle  a'  cireadh  dosan  measain  mar 
nach  do  chir  iad  riamh  dosan  an  leinibh  nach 
robh  anns  a'  chreathaill  aca. 

Chan  fhoghnadh  le  Iseabal  Fowler  ach 
gu'm  biodh  cu  aice,  agus  cheannaich  i 
Pekingese  air  an  robh  an  t-ainm  Ko- Kai- 
Lung,  agus  air  an  d'thug  i  coig  notaichean 
fichead,  ged  nach  bu  mhotha  e  na  cat,  agus 
nach  robh  sron  idir  air,  ach  lag  phreasach  'n 
a  aodann  far  am  bu  choir  do'n  t-sroin  a 
bhith.  An  uair  a  chaidh  iad  dha  chaidh  bha 
i  cho  mor  as  a'  chu  bheag  agus  gu'n  do  rinn 
i  pearrtaidh  a  leigeil  fhaicinn  Ko-Kai-Lung, 
agus  nan  cleasan  a  dheanadh  e,  do  phiuthar 
Sheumais,  agus  do  bhean  a'  chemist,  agus 
do  choimhearsnaich  eile  aig  nach  robh  ach 
coin  mhora  chumanta,  coin-chaorach  no 
coin-sheilg. 

Na'n  robh  mi  ag  innseadh  na  naidheachd 
so  ann  an  cainnt  a'  Bhiobuill  theirinn  gur 
ann  aig  a  phearrtaidh  ud  a  chaidh  Satan  ann 
an  Seumas  Fowler,  oir  bha  e  cho  ciar  leis  a 
bhi  leis  fhein  am  measg  comhlan  bhan,  a' 
cur  a'  Phekingese  troimh  na  cleasan  agus 
na  ruidhleachan  a  b'aithne  dha  mar  gu'm 


ANNS  A'  CHATHAIR 


biodh  maighstir-dannsa,  's  gu'n  do  ghabh  e 
uiread  gr^in  air  's  gu'n  dtiraichdeadh  e 
a  bh^thadh. 

Aon  uair  d'a  bheatha  bha  e  'n  a  dhuine 
saor  agus  sona,  a  dh'fhaodadh  a  chasan  a 
sgaoileadh  aig  a  theine  fhein,  gun  aileadh 
chon  no  gleadhar  bhan  a  bhi  'n  a  chluais  no 
'n  a  shroin,  ach  a  nis  thoisich  e  air  e  fhein 
fhaicinn  mar  dhuine  air  nach  robh  feum  eile 
anns  an  t-saoghal  ach  a  bhi  'n  a  thraill  agus 
'n  a  ghille-frithealaidh  do  mheasan  coin,  a' 
cireadh  a  dhosain  la  as  deidh  la,  a'  toirt 
sraid  dha  anns  a'  mhaduinn  agus  sraid  eile 
anns  an  fheasgar,  agus  moch  agus  anmoch  a' 
dol  a  mach  leis  air  thaod  a  dheanamh  a 
dhileig.  Sin  mar  bha  Seumas  Fowler  'g  a 
fhaicinn  fhein,  laithean  is  bliadhnachan  a 
bheatha  a'  dol  seachad  gu  sgitheil,  air  a 
cheangal  gu  neo-chothromach  ri  Pekingese, 
mar  gu'm  biodh  aig  priosanach  ris  a  h-uile 
ceum  de'n  t-slighe  fhada  a  choiseachd  eadar 
El  Alan.ein  agus  Tunis. 

Ghabh  e  a  laithid  de  ghr^in  air  Ko-Kai- 
Lung  's  gu'n  deachaidh  e  eadar  e  's  a  chadal, 
agus  eadar  e  's  a  shonas,  agus  mu  dheireadh 
eadar  e  's  a  choguis,  oir  bhiodh  e  a'  guidhe 
gu'n  tigcadh  ba^-sgiorraidh  air;  gu'n  lach- 
adh  cairt-bhainne  thairis  air,  no  gu'n 
tugadh  fear  de  na  daimh  Ghaidhealach  aig 
Morair  Trent  buille  d'  a  adhairc  dha  a  chuir- 
eadh  as  dha.  Aon  1^  a  bha  e  a  mach  leis, 
leig  e  mu  reir  e  an  uair  a  chunnaic  e  bus  a' 
tighinn,  is  rinn  e  fead  ris,  feuch  an  rachadh  e 
fo'n  bhus.  Ach  bha  barrachd  tuir  anns  a' 
chti  bheag  's  a  shaoil  Seumas  Fowler,  is 
sheachain  e  am  bus.  Bhiodh  esan  ag  radh 
gu  robh  am  Pekingese  cho  maol  's  an  eanch- 
ainn  's  nach  do  thuig  e  riamh  car  son  a  tha 
craobhan  a'  fas,  agus  nach  do  thog  e  riamh  a 
cfeas  ri  craoibh.  Sin  an  dara  caibideal  anns 
an  sgeul  bhr6nach  so. 


Chaidh  bliadhna  seachad  m'an  do  thoisich 
an  treasa  caibideal,  ach  ah  uair  a  thoisicheas 
fuath  agus  fuachd  agus  droch  amharus  air 
tuineachadh  ann  an  cridhe  duine  faodaidh 
tu  bhi  oinnteach  nach  e  toradh  siochail  na 
fireantachd  a  thig  as  an  t-siol  sin.  An  uair 
a  rachadh  Seumas  Fowler  a  mach  agus 
Ko-  Kai-  Lung  air  lomhainn  aige,  na'n  seall- 
adh  aon  de  mhuinntir  an  Obain  air  anns  an 
dol  seachad  bha  e  cinnteach  gu  robh  iad  a' 
magadh  air.  Na'm  faiceadh  e  am  Probhaist 
agus  Cleireach  an  t-Siorraim  a'  bruidhinn 
coig  mionaidean  ri  cheile  bha  amharus  aige 
gn  robh  iad  a'  bruidhinn  uime  fhein,  a  bha 


aon  uair  'n  a  dhiiine  neo-eisiomaileach  agus 
'n  a  sgoilear  maith,  ach  a  bha  nis  'n  a 
ghocaman  aig  cu  gun  sron. 

Air  la  na  Sabaid  anns  an  eaglais,  ciod  air 
bith  na  h-earrannan  de'n  Bhiobull  a  bhiodh 
air  an  leughadh,  chan  e  na  bha  an  Spiorad 
ag  radh  ris  na  h-eaglaisean  a  bhiodh  e  a' 
cluinntinn  ach  rudeigin  uime  fhein  agus 
mu'n  Phekingese.  La  a  shearmonaich  am 
ministear  air  a'  cheann-theagaisg,  "  Shuidh 
na  daoine  sios,  ann  an  aireamh  timchioll 
choig  mile,"  cha  b'ann  air  an  t-sluagh  a 
dh'ith  an  t-aran  a  bha  air  a  bheannachadh  a 
shocruich  'innttnn  idir,  ach  air  aireamh  nam 
Pekingese  a  bha  anns  an  t-saoghal,  agus 
aireamh  nam  mnathan  gun  chlann  a  bha  a' 
cleasachd  riu,  agus  aireamh  nan  gillean-. 
frithealaidh  a  dh'fheumadh  dol  a  mach  leo 
air  lomhainn.  Coig  mUe  !  bha  e  cinnteach  gu 
robh  barrachd  is  coig  mile  dhiubh  ann ; 
gu'm  bu  choltaiche  e  ri  coig  fichead  mile  de 
choin  chrion  gun  fheum  eadar  an  t-Oban 
agus  Prague  agus  Shanghai.  An  ath  mhion- 
aid  thoisich  e  air  e  fhein  fhaicinn  a'  tuiteam 
o  neamh,  reul  dhealrach  agus  mac  na  maidne, 
air  a  ghearradh  air  falbh  o  chomunn  ard  agus 
uasal  nan  aithrichean,  Pelagius  agus  Augustin, 
agus  air  a  thoirt  gu  taobh  an  t-sluic  le  piuthar 
shaoghalta  agus  bantrach  mhireagach  agus 
measan  coin. 


A'  mhaduinn  a  thainig  Ko- Kai- Lung 
dhachaidh  agus  gun  Seumas  Fowler  comhla 
ris,  chaidh  maoir  a'  bhaile  agus  feachd  de 
bhalaich  an  Obain  a  mach  'g  a  shiubhal. 
Am  beul  na  h-oidhche  fhuair  iad  e  'n  a  shuidhe 
agus  a  dhruim  ri  craoibh  ann  an  toman  coille 
aig  Airigh-ogan,  a'  seinn  laoidhean. 

'S  an  uaigh  'n  trath  luigheas  duine  sios, 
caidlidh  e  'n  dion  a'  bhais  ; 

'S  cha  diiisg  e  tuilleadh  gus  an  teid 
an  cruinne-ce  'n  a  smal. 

Bha  da  litir  air  a  ghltiin,  a  bha  e  air  an 
sgriobhadh  le  peansal  dearg,  te  dhiubh  gu 
Stalin  agus  an  te  eile  gu  Ard-Cheann  Oilthigh 
Chni-rimhinn.  Rud  gle  neonach,  ged  ghabh 
e  gr^in  air  a  Phekingese  a  chionn  nach  robh 
sron  cheart  air,  is  e  am  Pekingese  a  fhuair  e 
air  'aUeadh  an  Airigh-ogan,  agus  a  threoraich 
na  balaich  do'n  aite  anns  an  robh  e  'n  a 
shuidhe. 

Bha  da  lighiche  comhla  ris  an  oidhche  sin 
gus  an  do  chaidil  e,  agus  anns  a'  mhaduinn 
bha  e  air  a  thort  air  falbh  do  Cheann-Loch- 
Gilb. 


Fuaran  Sldbh 


SIN  an  t-ainm  a  thug  Deorsa  Caimbeul  Hay 
do'n  leabhar  a  chuir  e  a  mach  an  uiridh, 
ainm  boidheach  agus  ainm  freagarrach,  oir 
tha  bardachd  anns  an  leabhar  so  a  bheir  do'n 
luchd-leughaidh  am  bias  maith,  agus  an 
fhionnarachd,  agus  an  t-urachadh  neirt,  a 
gheibh  luchd-turuis  ann  am  fuaran  sleibhe. 
Is  e  an  t-aobhar  gu  bheil  mi  a'  bruidhinn 
uime  air  an  duUleig  so,  gu'n  d'61  mi  deoch 
as  uair  no  dha,  agus  gu'n  robh  e  mills  do 
m'  bhlas. 

Chan  aithne  dhomh  dad  mu'n  fhear  a 
sgriobh  e  ach  a  mhain  gu'n  d'thubhairt 
cuideigin  rium  nach  robh  Gaidhlig  aige  an 
toiseach  a  laithean,  agus  gur  e  a  h-ionnsach- 
adh  a  rinn  e.  Ma  tha  sin  fior,  tha  e  'n  a 
chliu  dha  gu'n  teid  aige  a  nis  air  a  smuaintean 
agus  fhaireachduinean  a  chur  an  ranntachd 
le  grinneas  agus  snas  a  chuireas  ionghnadh 
ort.  Am  bitheantas  theid  agad  air  rudeigin 
tuathall  a  lorgachadh  ann  an  cainnt  dhaoine 
a  dh'ionnsaich  a'  GhaidhKg,  ach  tha  bardachd 
Mhgr  Hay  cho  maith,  agus  e  fhein  na  dhuine 
cho  suairce,  's  nach  bu  lugha  na  uipear  gun 
mhodh  a  dh'fheuchadh  ri  coire  fhaotainn 
do'n  fhacal  ud  no  do'n  fhear  ud  eile. 

Brlodal  Mathar 
Mo  luran  thu, 
mo  dhuinein  thu, 

eh,  m'ultachan  is  m'eallach  cleibh  ; 
's  tu  luchd  saibhir 
nan  long  Spainteach 
Siod  an  aird  riu  's  lion  fo  ghreis. 

M'  Osgar  mor  thu, 

m'  usgar  oir  thu, 

mo  mhogul  chno  a  chromas  geug  ; 

lionadh  cupain, 

riarach'  guidhe, 

crioch  mo  shiubhail,  freagairt  m'fheum. 

Leabaidh  eirigh 

do  mo  ghrein  thu 

itil  mo  cheum  thu  thar  gach  reul ; 

cuUean  suairc  thu, 

faillean  uain  thu 

fearan  cruaidh  thig  gu  bhi  treun. 

Faodaidh  tu  a  radh,  ma  thogras  tu,  nach 
'eil  an  so  ach  aon  Ian  beoil  air  fad,  ach  mur 
bheil,  tha  e  mUis;  cronan  ceolmhor  a  tha  le 
sgriob  no  dha  de  pheant-cainnte  a'  cur  dealbh 
boidheach  fa  chomhair  do  shul;  mathair 
ghaolach  agus  an  teine-graidh  'n  a  siiilean 
agus  'n  a  cridhe  a'  briodal  ris  an  leanabh  a 
tha  air  a  gltiin,  no  'n  a  h-uchd.  Feuch 
thusa,  a  leughadair,  ris  an  dealbh  sin  a 
chur  'n  ad  bhriathran  fhein  ann  an  rosg 
Gaidhlig  agus   chi  thu  gle  luath  gu  bheil 


ealain  agus  grinneas  anns  na  rannan  so 
nach  'eil  agad-sa  no  agam-sa. 

Anns  na  bliadhnachan  so  tha  grunnan 
beag  de  dhaoine  oga  (agus  seann  daoine 
cuideachd)  a'  seasamh  a  mach  air  son 
coirichean  Albann,  ach  chan  'eil  e  furasda 
a  thuigsinn  air  uairean  ciod  a  tha  iad  a' 
ciallachadh  le  coirichean  Albann,  no  ciod 
an  ceann-uidhe  a  tha  iad  ag  iarraidh.  Tha 
mi'n  diiil  gu  bheil  Deorsa  Caimbeul  Hay  'n 
a  aon  de  na  daoine  sin,  ach  ma's  e  a  dhurachd- 
san  agus  a  ghuidhe-san  do  Albainn  an 
durachd-san  agus  an  guidhe-san  cuideachd 
CO  nach  guidheadh  dhaibh  "  turns  maith  is 
cala  reidh." 

Tha  gaol  aige  air  a  dhtithaich,  agus  air  a 
dhaoine,  agus  air  an  canain,  ach  chan'  eil 
fuath  no  farmad  aige  ri  daoine  no  ri  duth- 
channa  eile,  agus  is  e  aon  de  na  nithean  as 
comharraichte  agus  as  fhearr  'n  a  obair  uile 
gu  leir  gu  bheil  a  lamhan  air  an  nigheadh  ann 
an  neo-chiontas,  inntinn  air  a  glanadh  o 
fhuath  agus  o  fhoUl,  agus  a  bheul  air  a 
sheunadh  o  aitearachd  cainnte.  Cha  do 
chaUl  mi  riamh  mo  ghaol  air  simplidheachd 
nan  Greugach,  agus  is  e  an  t-simpHdheachd 
a  tha  ann  am  bardachd  Mghr  Hay  (cia 
dhiubh  is  e  Nadur  no  Ealain  a  chuir  innte  e) 
a  theoigh  mo  chridhe  rithe.  Ma  bu  mhaith 
leat  an  gaol  a  tha  aige  air  tir  a  dhuthchais  a 
chluinntinn  leugh  Ginntire. 

Is  daor  a  cheannaich  mi  mo  bheoshlaint 
ma's  e  mo  storas  fanachd  uait, 
crom  gach  la  os  cionn  mo  leabhair 
gun  amharc  ort,  mo  ghoirtein  uain'. 

Talla  rioghail  cruadhlach  t'aonach, 
cluasag  shioda  fraoch  do  chos, 
is  mils'  an  deoch  e,  deur  o  d'  shruthain 
na  f ion  tir  eile  an  cupan  oir. 

Leannan  mo  shugraidh  is  mo  shuirghe, 
fearann  mo  ruin,  cro  nan  sliabh, 
leug  is  ailleagan  gach  tire, 
seunadh  ort  is  sith  o  Dhia. 

No  ma  bu  mhaith  leat  fhaicinn  ciod  a 
ghuidheadh  e  do'n  ghineal  dig  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd,  no  an  ceann-reis  a  chumadh  e  an 
suilean  air,  leugh  Dleasnas  nan  airdean 

A  oigridh  mo  dhuthcha, 

an  e  ciuine  nan  reidhlean, 

fois  is  clos  nan  gleann  iosal, 

air  an  dion  o'n  gharbh  sheideadh  ? 

Biodh  bhur  ceum  air  a'  mhullach, 

is  bhur  n-uchd  ris  na  speuran, 

Dhuibh  srac-ghaoth  nam  bidean 

mu'n  tig  sgrios  'n  a  bheum-sleibh  oirnn. 


FUARAN  SLEIBH 


Chan  'eil  mughadh  aim  c'aite  am  fosgail 
thu  an  leabhar,  oir  gheibh  thu  rudeigin  air 
gach  duilleig  a  thaitneas  riut,  agus  an  uair  a 
thionndas  tu  an  duilleag,  chi  thu  rud  eile  a 
tha  cho  maith  ris,  mur  bheil  e  na's  fhearr. 
Ma  tha  simpHdheachd  an  cainnt  Mghr  Hay 
chan  'eil  gainne  smuaintean  air,  agus 
theagamh  gur  e  an  gluasad  a  chuireas  e  ann 
an  inntinn  an  leughadair  leis  na  smuaintean 
a  tha  'n  a  inntinn  fhein  am  mtighadh  as 
motha  eadar  e  fhein  agus  cuid  de  bhaird 
Ghaidhealach  eile. 

Tha  e  'n  a  chomharradh  air  ciall  agus 
rian-cainnte  nan  Dan  a  tha  anns  an  leabhar 
so  gu'n  gabh  iad  tionndadh  gu  rosg  Beurla 
gun  choslas  na  baothaireachd  a  bhi  orra. 
Chuir  Somhairle  Mac  Ghill-eathain  Cinntire 
ann  am  Beurla  shimplidh  ghrinn,  ach  car 
son  air  an  t-saoghal  a  tha  Dan  cho  driiidh-- 
teach  ri  Grunnd  na  mara  air  a  chur  ann  an 


Lallans,  ma's  e  Lallans  a  tha  ann,  cainnt 
gun  snas  gun  loinn  do  chluas  Gaidheil,  agus 
'n  a  coigreach  as  fhaide  bhuainn  na  Beurla 
Shasunnach. 

Moch  Di-luain  ghabh  i  'n  cuan 
lubhrach  nan  guaillean  geala  ; 
Moch  Di-luain  ghabh  i  'n  cuan, 
GUlean  gasd'  againn  air  bord  innt, 
Sparradh  a  cuid  sheol  ri  crannaibh. 

Co  an  lubhrach  sin  ach  long  na  Gaidhlig, 
agus  CO  na  gillean  gasda  a*thog  na  siilil  ach 
triiiir  no  ceathar  de  fhior  bhaird  a  tha  beo  'n 
ar  linn  fhein,  baird  nach  robh  riamh  air  an 
criinadh  aig  Mod  no  Feill  (ma's  maith  mo 
chuimhne)  ach  a  sheulaich  a'  Cheolraidh  mar 
bhaird  leis  an  teine  bheo  a  thug  i  dhaibh  ? 
Sin  na  daoine  a  tha  ag  ath-bheothachadh  na 
Gaidhlig,  agus  a'  cur  smuais  agus  subail- 
teachd  ur  innte. 


Fo  Chraobh  Sheudair 


THA  a'  mhor  chuid  de  dhaoine  'g  am 
faicinn  fhein  agus  cearcall  soillseach  oir 
m'an  ceann  mar  gu'm  b'  e  naoimh  a  bha 
annta.  Tha  iad  'g  am  faicinn  fhein  mar 
ghaisgich  a'  gleachd  ri  uachdaranachdan, 
ri  cumhachdan,  ri  riaghlairean  dorchadais 
an  t-saoghail  so,  ri  aingidheachd  spioradail 
ann  an  ionadan  arda.  Och,  och  ;  bu  mhaith 
na'm  b'fhior,  ach  chan  iad  sin  idir  na 
^naimhdean  a  tha  a'  maoidheadh  ar  sgrios 
anns  a'  Chogadh  Naomh,  ach  na  sionnaich 
bheaga  d'a  bheil  sinn  a'  toirt  fasgaidh  'n 
ar  fion-lios  fhein,  iarrtusan  agus  peacaidhean 
leibideach  a  tha  ag  eirigh  'n  ar  fuil  agus 
'n  ar  feoil  fhein,  ach  nach  'eil  sinn  a'  faicinn 
a  chionn  gu  bheil  ar  suilean  air  an  dalladh 
le  fein-speis.  Tha  am  brosgul  a  ni  ar  cridhe 
fhein  ruinn  na's  cunnartaiche  na'm  brosgul  a 
ni  ar  namhaid  no  neach  eile  ruinn. 

A  mach  o  bhi  a'  deanamh  dichuimhne 
air  Dia,  tobar  ar  beatha  agus  ar  fallaineachd, 
is  e  am  peacadh  as  trice  agus  as  fhasa  a 
tha  ag  iadhadh  umainn  a  bhi  a'  tighinn 
beo  dhuinn  fhein,  a'  sireadh  sonais  agus 
buannachd  agus  comhfhurtachd  dhuinn  fhein, 
gun  aon  smuain  againn  air  cor  no  air  faireach- 
duin  dhaoine  eile  a  tha  air  an  ceangal  ruinn 
ann  an  ceanglaichean  na  beatha. 

Na'n  robh  mnathan-posda  air  an  ceas- 
nachadh,  agus  na'n  innseadh  iad  gu  saor 
ciod  an  camadh  'n  an  crannchur  a  bu  truime 
a  ghiulan,  tha  mi  cinnteach  gu'n  abradh 
a'  mhor  chuid  dhiubh,  feinealachd  an  duine 
agam.    Gabhaidh  fir  ri  seirbhis  agus  saothair 


am  mnathan  gu  neo-smaointeachail  mar 
gu'm  b'e  an  dlighe  e.  Tha  a'  cheart  fhaUing 
so  anns  na  boireannaich  mar  tha  i  anns  na 
fir,  ged  a  tha  barrachd  mine  agus  graidh 
annta  gu  nadurra,  agus  barrachd  ttiir  ann 
an  gnothuichean  dachaidh  agus  teaghlaich. 

Air  cho  driopail  's  'g  am  biodh  obair 
an  earraich  no  an  fhoghair,  rachadh  Domhnull 
MacFhionnlaidh  as  an  Eilean  Sgitheanach 
gu  orduighean  ann  an  Cataibh  agus  air 
Machatr  Rois,  agus  dh'  fhagadh  e  a  bhean 
leatha  fhein  fad  seachduin  no  ceithir-la 
deug,  'ga  saruchadh  fhein  le  obair  na  croite. 
Air  Di-haoine  bhruidhneadh  e  air  a'  cheist 
agus  dh'  innseadh  e  mu'n  ghleachd  a  bha 
aige  ri  dheanamh  ri  cumhachdan  agus  ri 
uachdarachdan  agus  ri  aingidheachd  ann  an 
ionadan  arda,  gun  smuain  idir  aige  air  an 
te  a  bha  'g  a  sarachadh  a'  giiilan  cliabh 
feamann  air  a  druim,  no  air  a  gluinean  air 
achadh-buana,  a'  buain  eorna  le  corran. 

An  uair  a  chuimhnicheas  tu  air  baothalachd 
de'n  t-seorsa   so,    agus   air   a'    chion  toirt- 
fainear    d'a    bheil    sinn    uUe    ciontach    air      ^ 
uairean,  a'  cur  uallach  air  daoine  eile  a  bu      M 
choir  dhuinn  fhein  a  ghiiilan,  bheir  e  faochadh       I 
do  d'  chridhe  agus  taiseachadh,  ma  chuireas      M 
mi  sios  air  an  duilleig  so  na  rannan  druidh-        ^ 
teach  a  rinn   Somhairle   Mac   Ghill-eathain 
mu'n  Bhan-Ghaidheal. 

Am  faca  tu  i,  ludhaich  mhoir, 
ri  an  abrar  Aon  Mhac  Dhe  ? 
Am  fac  thu  a  coltas  air  do  thriall 
ri  stri  an  fhion-lios  chein  ? 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


An  cuallach  mheasan  air  a  druim, 
fallus  searbh  air  mala  is  gruaidh  ; 
's  a  mhios  chreadha  trom  air  ciil 
a  cinn  chruibte,  bhochd,  thruaigh. 

Cha  n-fhaca  Tu  i,  Mhic  an  t-saoir, 
ri  an  abrar  Righ  na  Gloir, 
am  measg  nan  cladach  carrach,  siar, 
fo  fhallus  cliabh  a  loin. 

An  t-earrach  so  agus  so  chaidh, 
's  gach  fichead  earrach  bho  an  ttis 
tharruing  ise  an  fheamainn  fhuar 
chiim  biadh  a  cloinn  is  duals  an  tiiir. 

Is  gach.  fichead  foghar  tha  air  triall 

chaill  i  samhradh  buidh  nam  blath  ; 

is  threabh.  an  dubh  chosnadh.  an  elais 

tarsuinn  minead  ghil  a  clair. 

Agus  labhair  T'  eaglais  chaomh 

mu  staid  chaillte  a  h-anama  thruaigh  ; 

agus  leag  an  cosnadh  dian 

a  corp  gu  samchair  dhuibh  an  uaigh. 

Is  thriall  a  tim  mar  shnighe  dubh 
a'  drudhadh  tughaidh  fardaich  bochd  ; 
mheal  ise  an  dubh  chosnadh  cruaidh  : 
is  glas  a  cadal  suain  an  nochd. 

Mar  tha  an  seann  fhacal  ag  radh,  tha 
daoine  a'  dol  air  seachran  na's  trice  le 
cion  toirt-fainear  na  le  cion  deagh-dhurachd. 
Tha  feum  againn  air  gliocas  saoghalta 
cho  maith  ris  a'  ghliocas  a  tha  o  shuas, 
ach  cha  robh  na  naoimh  riamh  comharraichte 
air  son  gliocas  saoghalta. 

Uair  a  chaidh  aon  naonih  a  dh'  fhaicinn 
naomh  aosda  a  b'  onrachdaiche  na  e  fhein, 
cha  robh  aig  an  fhear  aosda  ach  aon  bhreacag 
arain  anns  an  tigh,  breacag  a  bha  ro  bheag 
do  dhithis,  ged  dh'  fhoghnadh  i  do  aon  aca. 
Fad  ceithir  uaire  fichead  dh'  fheuch  an 
da  naomh  ri  toirt  air  an  fhear  eUe  a'  bhreacag 
itheadh,  ach  theireadh  an  coigreach  gur 
ann  aig  an  Aosda  a  bha  coir  air  an  aran, 
a  chionn  gu  robh  e  na  bu  naoirohe  na  esan, 
ach  fhreagradh  an  t-Aosda  nach  robh 
annsan  ach  peacach  truagh  a  bha  toilltinneach 
air  ifreann.  Lean  iad  orra  mar  sin  gus  an 
d'  thainig  boireannach  beag  sgairteil  a 
steach.  An  uair  a  chuala  ise  iad  a'  bruidhinn 
mar  sud,  thog  i  a'  bhreacag  air  a  bois,  rinn  i 
da  leth  oirre,  is  thug  i  dhaibh  leth  an  t-aon, 
agus  an  urchair  so  anns  an  dealachadh; 
chan  fhearr  sibh  na  Niall  Gorach. 

Leig  thusa,  a  leughadair,  le  Pol  agus  le 
Iain  Bunyan  a  bhi  gleachd  ri  cumhachdan 

am     T>-^«/T,l---3--«     Qrrnc     »>-     - -— ^J  JU -,  „  -1-  J      -.ViV\ 

iA.-±    a^<JJ.0U.<:<<u,fcllO    cigjUO    1.1    ajWlgJLU,U,Ca.OJJ.U.    dillll    diH 

ionadan  arda,  agus  ctim  do  shiiil  air  na 
sionnaich  bheaga,  ach  lionmhor,  a  tha  'n  ad 
fhuil  agus  'n  ad  fheoil  fhein,  uabhar,  sannt, 
fuath,  farmad,  agus  fichead  rud  leibideach 
eile  a  chumas  a  mach  thu  a  rioghachd  Dhe. 


Laoidh 


Le  Iain  Moireasdan,  Ascarnais,  Daliborg,  d'a 
nighinn,  d  chaochail  aig  toiseach  na  bliadhna. 

Nochd  gur  luaineach  tha  m'aigne, 

'S  mi  gun  suaim.hneas  bho  acaid  a'bhroin  ; 

Ged  a  theid  mi  do'n  leabaidh, 

Cha  tig  cluaineas  a'chadail  'n  am  choir  ; 

Tha  mo  chridh'  air  a  sgoilteadh, 

Cur  saighdean  geur-loisgte  'n  am  fheoil ; 

'S  cruaidh  an  lot  thug  do  bhas  dhomh, 

'S  cha  dean  lighiche  sta  dhomh  ri  'm  bheo. 

B'e  so  bliadhna  chruaidh-fhortain, 
Dh'fhag  mi  onranach,  osnanach  trom  ; 
A  dh'fhag  m'inntinn  cho  luaineach, 
Ri  slaistearachd  bhuan-ruith  nan  tonn  ; 
Tha  mo  chridhe  bho  sprochdan, 
Chan  'eil  leigheas  do  m'lotan-sa  ann  ; 
Bho  'n  's  e  aobhar  mo  bhochdainn, 
Thu  bhi  d'shineadh  's  a'  chnocan  ud  thall. 

Sud  an  sealladh  a  leon  mi, 

Chuir  saighdean  geur-bhroin  ann  am  chom  ; 

Bhi  'g  ad  fhaicinn  'n  ad  shineadh, 

'S  dion-rixith  do  thim  tigh  'n  gu  ceann  ; 

Thainig  geUleadh  na'm  chridhe, 

Dh'eirich     bruaUlean     buan-ruighinn     na'm 

cheann  ; 
'S  thu  ri  fiachainn  rium  bruidhinn, 
A  ghaoil,  's  gun  a  bhruidhinn  ud  ann. 

Och !  nan  Och  !  mar  a  tha  mi, 

'S  mo  chridhe  trom  fhaisgte  le  bron  ; 

Theirig  Samhradh  mo  laithean, 

'S  chaidh  a'  ghrian  bha  cho  dealrach  bho 

sgleo  ; 
Chaill  a'  mhaduinn  a  h-ailgheas, 
Dh'fhalbh  gach  maise  's  gach  blath  bho  na 

neoil ; 
Tha'n  oidhche  'na  ghrain  leam, 
Seach  mar  bha  i,  nuair  bha  thusa  beo. 

Mo  ghradh,  mo  ghradh  air  a  choluinn, 

Tha  sinte  tosdach  an  nochd  anns  an  uaigh  ; 

CoUunn  mhaiseach  ro  chiibhraidh, 

Bha  fas  gu  flaitheil  mar  fhluran  nam  bruach 

Bha  cho  geal  ris  an  eala, 

No  cobhair  air  bharraibh  nan  stuadh  ; 

No  mar  reul  chiiiin  na  maduinn. 

Gun  smuran,  gun  smal  air  a  snuadh. 

Gur  e  leon  mi  gu'm  airnean, 

Bhi  fhaicinn  'g  ad  charadh  air  bord  ; 

'S  thu  gun  ghluasad,  gun  mhanran, 

Un  OxAilSgOclUiX,   guxl    Uaj.xchjjj.^3   a.4i.ii  dU   lilcUll  , 

Chan  fhaic  thusa  mo  chas-sa, 

Cha  chluinn  thu  osna  throm-chraiteach  mo 

bhroin  ; 
'S  truagh  nach  robh  mi  'n  ad  aite, 
'S  thus'  air  d'fhagail  ri  aireamh  nam  beo. 


Aig  an  Uinneig 


0  CHIONN  ghoirid  bha  mu  thri  ceud 
Easbuig  de'n  Eaglais  Shasunnaich  cruinn 
ann  an  Canterbury  as  gach  cearn  de'n  t- 
saoghal,  ach  ciod  air  bith  na  cuisean  cudth- 
romach.  a  bha  air  am  beulaibh  anns  na 
coinneamhan  a  bha  aca,  thubhairt  Ard- 
Easbuig  Chanterbury  gur  e  na  roinnean  a 
tha  anns  an  Eaglais  as  coireach  nach  'eil 
comas  aice  air  creuchdan  an  t-saoghail  a 
leigbeas. 

Air  an  t-seachduin  so  tha  Crninneachadh 
mor  aig  diadhairean  agus  pearsachan  eaglais 
ann  an  Amsterdam,  a  ochd  deug  ar  fhichead 
duthaich,  an  Eaglais  Shasunnach,  Eaglaisean 
Cleireachail,  Eaglais  Luther,  Wesleyans, 
Baistich,  Independents,  Eeachd  na  Slainte, 
agus  iomadh  seorsa  eile,  agus  is  e  aon  de  na 
h-aobhair  a  tha  'g  an  tarruing  ri  cheile  gu 
bheil  iad  an  dull  gu  'm  biodh  an  saoghal  na 
b'  fhearr  na  tha  e  na'n  robh  barrachd 
aonachd  am  measg  nan  eaglaisean. 

Tha  Comhdhail  eile  cruinn  ann  an  Geneva 
agus  iadsan  cuideachd  a'  feuchainn  ri  eaglais- 
ean na  Criosdachd  a  tharruing  ri  cheile. 

O'n  is  cuimhne  leam  tha  Urracha  mora  nan 
eaglaisean  a'  cluich  air  an  fhidhill  so,  ach  tha 
an  saoghal  ag  eisdeachd  riu  gun  a  bhi  'g  an 
cluinntinn,  agus  'g  an  cluinntinn  gun  aire 
no  umhail  a  thoirt  dhaibh. 

Chan  'eil  ach  aon  eaglais  anns  a'  Chriosd- 
achd  a'  seasamh  a  mach  o  chach  anns  a' 
chuis  so,  gun  fiamh  no  cabhag  oirre,  an 
Eaglais  Phapanach. 

Tha  aonachd  agus  aonachd  ann,  aonachd 
o'n  leth-a-muigh  agus  aonachd  spioradail. 
Tha  barrachd  a  dh'eas-aonachd  anns  an 
t- saoghal  an  diugh  na  bha  ann  riamh  roimh, 
eas-aonachd  na  h-inntinn  agus  eas-aonachd 
a  thaobh  creud  agus  creideimh,  a  tha  cho 
mor  agus  cho  domhain  's  nach  'eil  daoine  an 
diugh  cinnteach  ciod  a  tha  an  Creideamh 
Criosduidh  a'  ciallachadh.  Ma  their  thu  nach 
'eil  so  fior,  leugh  leabhraichean  nan  diadh- 
airean, agus  faic  air  do  shon  fhein  ciod  an 
tomhas  aonachd  a  tha  'n  am  measg  a  thaobh 
Chriosd,  a  bhreith  agus  a  dhiadhachd  agus  a 
bhas  agus  aiseirigh. 

Ach  chan  e  an  eas-aonachd  so  a  tha  'n  a 
chuis -bhroin  do  Chinn  nan  eaglaisean  ach 
nach  'eil  an  Eaglais  'n  a  h-aon  o'n  taobh-a- 
muigh,  oir  tha  iad  an  dtiil  gu'm  biodh 
lianuis  na  u-sagiais  hSj  uU  i8/iu,ir6  agus  na  bu 
shoilleire,  agus  gu'm  biodh  an  saoghal  na  bu 
chriosdaile  na  tha  e,  na'n  robh  aon  eaglais 
mhor  chumhachdach  againn  an  aite  nam 
buidhnean  a  tha  againn  an  diugh,  Eaglais 
Shasunnach  is  Eaglais  Albannaeh,  Baistich  is 


Quakers,  Unitarians  is  Feachd  na  Slainte, 
agus  ceud  seorsa  eile. 

A  bheil  fianuis  na  h-eaglais  mhoir  na's. 
fiachaile  no  na's  druidhtiche  anns  an  t- 
saoghal  na  fianuis  na  h-eaglais  bhig  ? 

A  bheil  a'  bheatha  dhiadhaidh  a'  fas  agus 
a'  cinneachadh  an  Albainn  na's  fhearr  o 
bhliadhna  an  Aonaidh  na  bha  i  roimh  1929  ? 

Chan  'eil  dad  a'  tachairt  gun  aobhar  aige. 
Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  aithrichean  nan 
eaglaisean  treibhdhireach  anns  an  dichioU 
leis  a  bheil  iad  a'  sireadh  Aonachd,  agus 
cinnteach  gu'n  soirbhicheadh  aobhar  Chriosd 
na  b'  fhearr  na'n  rachadh  na  h-eaglaisean 
Prostanach  comhla,  ach  faodaidh  e  bhith  gu 
bheil  aobhar  eile  'g  an  cur  air  ghluasad,  gun 
fhios  dhaibh  fhein,  an  t-eagal  a  tha  aig  a 
h-uile  creutair  roimh  'n  bhas.  Nach  fhaod 
e  bhith  gur  e  na  comharraidhean  a  tha  iad  a' 
faicinn  gu  bheil  an  saoghal  a'  fas  cho  suarach 
umpa  air  fad  a  tha  a  toirt  orr  tarruing  ri 
cheile  an  dochas  gu'n  toir  sin  sineadh 
laithean  agus  neart  ur  do'n  Eaglais,  direach 
mar  is  e  eagal  a'  bhais  (an  t-eagal  a  tha  aca 
roimh  Ruisia)  a  tha  toirt  air  an  Fhraing 
agus  Breatunn  agus  Belgium  agus  Luxemburg 
agus  an  Olaind  teannachadh  ri  cheile  ann  an 
Aonadh  na  h-  Aird  an  lar,  agus  mar  is  e  a' 
cheart  eagal  (an  t-eagal  a  tha  aca  roimh  'n 
Ghearmailt)  a  tha  toirt  air  Ruisia  agus 
Poland  agus  na  rioghachdan  eile  ri'n  taobh 
dol  comhla  ri  cheile  ann  an  Aonadh  na 
h-  Aird  an  Ear.  "  Craicionn  air  son  craicinn  ; 
gach  ni  a  tha  aig  duine  bheir  e  air  son 
'anama."  Tha  sin  cho  fior  mu'n  Eaglais 
's  a  tha  e  mu  dhaoine  ;  ni  i  na  ghabhas 
deanamh  gus  i  fhein  a  chumail  beo. 

Aonachd  ;  chan  'eil  ann  an  aonachd  ach 
teine-sionnachain.  Tha  corr  agus  d^  mhile 
gu  leth  muillean  duine  air  thalamh  agus 
gach  aon  dhiubh  sin  'n  a  shaoghal  dha 
fhein.  FeaUsanaich  agus  scientists  agus 
diadhairean  ag  iarraidh  iad  a  bhi  air  an  cur 
anns  an  aon  mhoUdair,  chum  Aonachd 
fhaotainn,  ach  Dia  a'  magadh  air  an  oidhirp- 
ean  agus  air  an  innleachdan,  agus  a'  cruth- 
achadh  dhaoine  eu-coltach  ri  cheile,  air  chor 
agus  a  broinn  na  h-aona  mhathar  gu'n  tig 
mac  a  tha  a  dhachaidh  spioradail  aige  anns 
an  Roimh,  mac  eile  a  leanas  na  Quakers, 
nighean  a,  chuireas  oirre  eideadh  gorm  is 
boinneid  Feachd  na  Slainte,  agus  piuthar 
dhi  nach  'eil  innte  ach  nighean  Shatain,  agus 
Gallio,  am  mac  a  b'oige,  gun  suim  aige  de  ni 
sam  bith  eile  ach  airgiod  a  dheanamh  agus 
a  chur  mu  seach. 


Aireamh  ii 


ii& 


1948 


Am  Foghar 


Crunaidh  tu  a'  bhliadhna  le  d'  mhaitheas. — Salm  Ixv.  11. 


ANNS  a'  cheartachadh  mu  dheireadh  a 
rinneadh  air  a'  Bhiobull  Ghaidhlig  tha  e 
air  a  ehur  mar  so,  "  Chrtin  thu  a'  bhliadbna 
le  d'  mhaitheas."  Ach  ma  thogras  tu  faod- 
aidh  tu  a  ehur  ann  an  doigh  eile  cuideachd, 
"  Tha  thu  a'  crunadh  na  bliadhna  le  d' 
mhaitheas,"  oir  chan  'eil  tim  no  aois  ann 
an  obair  no  ami  am  beatha  Dhe,  an  Ti 
a  tha,  agus  a  bha,  agus  a  bhitheas.  Tha 
a  mhaitheas-san  an  de,  agus  an  diugh,  agus 
am.  maireach. 

Chan  'eil  salm  as  freagarraiche  na'n 
t-sahn  so  aig  seirbhis-bhuidheachais  air 
son  an  Fhoghair. 

An  talamh  tha  thu  fiosrachadh, 
's  'ga  uisgeachadh  gu  reidh  ; 

Le  abhainn  Dhe  ta  Ian  de'n  uisg' 
trom  beartach  ni  thu  e. 

Dhaibh  arbhar  tha  thu  deasachadh, 
le  d'  fhreasdal  caomha  fein  ; 

'S  ag  uisgeachadh  le  pailteas  mor 
nan  iomairean  gu  min. 

A  sgrioban  leagaidh  tu  a  sios, 

le  frasaibh  ni  thu  tais  ; 
A  chinneas  agus  fhochann  fos, 

beannaichidh  tu  le  mais'. 

Mu'a  bhliadbna  coron  tha  thu  cur, 
le  d'  mhaitheas  fein  a  Dhe  ; 

Tha  saill  a'  sileadh  anns  gach  ait' 
o  d'  cheumannaibh  gu  reidh. 

Nach  maith  do  dhuine  cuid  mhaith  de 
na  sailm  a  bhi  aige  air  a  theangaidh  ?  Cha 
bhi  e  uair  air  bith  gun  chompanach,  no 
gun  cbaraid-anama,  no  gun  cheol.  Chan 
'eil  ann  an  duine  aig  nach  'eil  na  sailm 
air  a  mheom.hair  agus  cuid  mhaith  eile 
de'n  Bhiobull,  ach  aran  nach  deachaidh 
a  thionndadh  ;  ait  a  leth-bhruich,  no  air  a 
leth-theagasg. 

Tha  an  t-am  so  de'n  bhliadhna  ag  iarraidh 
oirnn  gairm  air  ar  n-anam  an  Tighearna 
a  mholadh,  oir  is  esan  a  tha  toirt  dhuinn 
toradh  na  talmhainn.  Theid  againne  air 
cur  is  buain  a  dheanamh,  ach  cha  teid 
againn  air  toirt  air  an  t-siol  ihs.  Is  e  Dia 
a  mhain  a  bheir  am  fas.  A  dh'aindeoin 
gach  inneal  agus  acfhuinn  a  tha   againn  a 


dh'oibrea  chadh  an  fhearainn  nach  robh 
aig  Jacob  no  Abraham,  tha  sinn  an  urra 
ri  toil  agus  freasdal  Dhe  air  son  an  Fhoghair 
agus  air  son  ar  bidh  a  cheart  cho  buileach 
's  a  bha  iadsan. 

Eadar  gaoth  is  uisge  is  tuil  ann  an  August 
agus  ann  an  September  bha  e  duilich  am 
barr  fhaotainn  a  stigh  am  bliadhna,  agus 
leis  na  bha  'n  a  laighe  agus  air  a  fhroiseadh 
dheth  cha  bhi  e  cho  maith  's  a  bha  e  aon 
uair  a'  gealltainn  a  bhith.  Thuirt  tuathanach 
anns  a'  choimhearsnachd  ann  an  Loudie 
rium  gu'n  do  chaill  e  suas  ri  da  mhile  not 
le  tuil  August,  a  thuiUeadh  air  an  diol  a 
rinn  gaoth  is  uisge  air  a'  bharr  m'  an  do 
ghearradh  e  agus  anns  an  adaig. 

Ach  cha  bhiodh  e  ceart  dhuinn  cunntas 
a  chumail  ri  Dia,  cunntas  buannachd  is 
call,  no  ar  n-pfrail-bhuidheachais  a  thomhas 
gu  ctiramach  a  reir  an  t-soirbheachaidh  a 
thug  e  dhuinn.  Och,  och,  na'n  cumadh 
Dia  cunntas  ruinne,  bu  bhochd  ar  cor! 
Bhitheamaid  uile  mar  bha  am  fear  air  an 
robh  coig  ceud  peighinn  agus  gun  aon 
pheighinn.  aige  leis  am  paigheadh  e  fhiachan. 
Na'n  comharraicheadh  Dia  aingidheachd 
CO  a  sheasadb  'n  a  latbair  ? 

Ach  chan  ann  air  bhonn  lagha,  no  a  reir 
doighean  an  t-saoghail,  no  cleachdaidhean 
na  marsantachd,  a  tha  Dia  a'  buntainn 
ruinn  ach  a  reir  a  mhaitheas  agus  a  mhor- 
throcair,  a'  buileachadh  oirnn  tiodhlacan 
nach  do  choisinn  sinn  agus  beannachdan 
nach  do  thoill  sinn. 

A  h-uUe  la  tha  d'ar  beatha  tha  tiodhlacan 
nach  gabh  aireamh  a'  tighinn  'g  ar  n- 
ionnsuidh  ann  an  doighean  diomhair  nach 
'eU  sinn  a'  tuigsinn,  ach  ma  thoisicheas  tu 
air  rannsachadh  ciamar  a  thainig  iad,  no 
cia  as  a  thainig  iad,  feumaidh  tu  dol  air 
d'ais  mu  dheireadh  gu  Dia. 

Rinn  an  gobba  crann, 
Rinn  an  crann  treabhadh, 
Rinn  an  treabhadh  barr, 
Rinn  am  barr  biadh. 

Ach  CO  a  rinn  an  t-iarunn  a  rinn  an  crann, 
agus  CO  a  chuir  uisge  as  na  neoil  air  an 
treabhadh  ?  Tha  mile  agus  deich  mile 
dh'ainglean  frithealaidh   aig   Dia,    gaoth   is 


AM   FOGHAR 


uisge,  fuachd  is  teas,  earrach  is  foghar, 
grian  is  gealach,  eoin  an  adhair  is  cuileagan 
is  cnuimheaa  na  talmliainn  ;  tha  iad  uile 
'n  an  comh-luchd-oibre  maille  ruinne  agus 
ri  Dia.  Ged  tha  iomadh  seirbhiseach 
samhach  eadar  an  siol  agus  an  t-aran  a 
tha  air  a'  bhord,  tuathanaich  is  muillearan 
is  marsantan,  neoil  is  fridean  na  h-iirach, 
air  an  cul  uile  agus  os  an  cionn  tha  Dia, 
an  Dia  a  chruthaich  na  neamlran  agus 
an  talamh  ach  a  tha  e  fhein  neo-cbruthaichte, 
neo-chriochnaeh,  bith-bhuan,  agus  neo- 
chaochlaideach,  'n  a  bhith,  'n  a  ghliocas, 
'n  a  chumbachd,  'n  a  naomhachd,  'n  a 
cheartas,  'n  a  mhaitheas,  agus  'n  a  fhirinn. 
Nach  b'e  sin  an  cliabh  de  mheasaa  samh- 
raidh !  ro.easan  a  tha  milis  do'n  bhlas  agus 
'n  a  bhiadh  do'n  anam,  oir  is  e  cridhe  an 
t-SQisgeil  gu  bheil  Dia  neo-chaochlaideach 
'n  a  bhuadhan  a^us  'n  a  chliu,  agus  gur 
firinneach  an  ti  a  gheall.  "  Am  feadh  a 
mhaireas  an  talamh,  cha  sguir  am  an  t-sil- 
chur  agus  foghar." 

Is  uasal  obair  air  bith  anns  a  bheil  thu 
a'  comh-oibreachadh  le  Dia,  ach  tha  obair 
an  fhearainn  nadurra  do  dhuine  cho  maith 
ri  bhi  feumail  agus  uasal,  oir  is  e  sin  an 
obair  a  thug  Dia  do'n  duine  air  ttis.  Duine 
air  bith  a  tha  a'  toixt  deagh  thoradh  a 
crioman  gruinnd,  agus  'g  a  chum  ail  glan 
o  fheanntagan,  o  chopagan,  o  fhliodh,  agus 
o   shalchar  eile,   is   comh-oibriche   e   maille 


ri  Dia.  Ach  ma  leigeas  e  le  salchar  f^s 
far  am  bu  choir  biadh  a  bhith,  tha  e  ann 
an  co-bheinn  ri  neach  eile  nach  ainmich  mi. 

Chan  ann  le  aran  a  mhain  a  bheathaichear 
duine  :— Criosd. 

Deanaibh  saothair  chan  ann  air  son  a' 
bhidh  a  theirgeas  ach  air  son  a  bhidh 
a  mhaireas  chum  na  beatha  shiorruidh  : 
Criosd . 

Air  dha  aran  a  ghlacadh  thug  e  buidheachas 
do  Dhia  '%  an  lathair  uile : — Am 
Biobull. 

Dh'ith  iad  am  biadh  le  gairdeachas,  a' 
moladh    Dhe  : — Am   Biobull. 

Beannaichear  esan  aig  a  bheil  siiil  fhial, 
oir  bheir  e  d'a  aran  do'n  bhochd  : — 
Am  Biobull. 

Tha  Dia  a'  cur  mheilbheagan  (poppies) 
anns  a'  chruithneachd  a  theagasg  do'n 
duine  nach  ann  air  son  itheadh  a  tha  a 
h-uile  ni  a'  fas  : — ^lain  Ruskin. 

Ma  tha  da  bhuilionn  arain  agad  reic  aon 
dhiubh  agus  ceannaich  lili  : — Moh- 
ammed. 

Dun  cruithneachd,  cuairtichte  le  lilidhean 
{feumalachd  agus  eireachdas  a'  pogadh 
beul  ri  beul)  : — Solamh. 


Eilean  mo  Ghaoil 

Eilean  mo  ghaoil. 

Is  caomh  leam  eilean  mo  ghraidh. 


"  AM  bi  thu  ag  iirnuigh  air  son  an  luchd- 
riaghlaidh  anns  a'  Ph  aria  maid  ?  "  arsa  fear- 
turuis  ri  croitear  anns  a'  Ghaidhealtachd. 

"  Gu'n  gleidheadh  Ni-maith  thu!  car 
son  a  bhithinn-sa  ag  iirnuigh,  air  son  dhaoine 
nach  aithne  dhomh,  agus  nach.  fhaca  mi 
riamh,  agus  ris  nach  'eil  gnothuch  agam." 

"  Ris  nach  'eil  gnothuch  agad !  "  ars 
am  fear-turuis,  "  nach  ann  riu  a  tha  do 
ghnothuch  o  dh'eireas  tu  anns  a'  mhaduinn 
gus  an  teid  thu  do'n  leabaidh  anns  an 
oidhche.  Gun  na  naoi  coupons  a  thug 
iad  dhuit  bhiodh  tu  gun  bhrogan  a  chuireadh 
tu  mu  d'  chasan,  agus  gun  na  cairtean-bidh 
a  thug  iad  dhuit  bhiodh  tu  gun  siiicar  a 
chuireadh  tu  anns  a'  chupan-mhaidne.  Ach 
gun  a  bhi  tighinn  thairis  air  na  nithean  sin 
idir,  tha  cuimJine  agad  gu  bheil  e  air  iarraidh 
oirnn  anns  a'  Bhiobull  athchuinge,  tirnuigh- 
ean,  eadar-ghuidlie,  agus  breith-buidbeachais, 
a    dheanamh    air    son    nan    uile    dhaoine  ; 


air  son  righrean,  agus  air  son  nan  uile  a 
tha  ann  an  ughdarras." 

"  Tha  fhios  agam  gu  bheil  sin  air  iarraidh 
oirnn,  ach  bha  mise  agus  m'  athair  agus  mo 
sheanair,  'n  ar  Liberals  o  linn  Ghladstone, 
agus  cha  bhiodh  e  furasda  dhomh  toiseachadh 
a  nis  air  Socialists  a  bheannachadh,  agus 
iirnuigh  a  dheanamh  air  an  son.  Deanadh 
an  fheadhainn  a  chuir  a  stigh  iad  iirnuigh 
air  an  son." 

Sin  prionnspal  iir  ann  an  eaglais,  gu'm 
biodh  i  air  a  roinn  'n  a  buidhnean  agus 
nach  deanadh  gin  de  na  buidhnean  urnuigh 
ach  air  son  na  pe^rrtaidh  aca  fhein.  Cha 
b'fhearr  sin  ni  eaglais  Chorint,  ach  ann  am 
Breatunn  aon  uair  's  gu'm  faigh  te  air 
bith  de  na  pearrtaidhean  a'  mhor  chuid 
de  na  buill  ann  an  Tigh  nan  Cumantan 
air  an  taobh,  sin  Riaghaltas  Bhreatuinn 
leis  gach  tighdarras  a  bhuineas  dha,  agus 
tha  e  mar  fhiachaibh   air  an  t-sluagh  uile 


EILEAN  MO  GBAOIL 


urram   agus   umhlachd   a   thoirt   dha   agus 
tirnuigh  a  dheanamJi  air  a  shon. 

Chan  'eil  teagamh  air  bith  nach  'eil  e  'a 
a  chleachdadh  maith  a  bhi  ag  urnuigh 
anns  an  eaglais  air  son  an  Righ  agus  na 
Parlamaid,  oir  tha  e  a'  cumail  fa  chomhair 
inntinn  an  t-sluaigh  gur  coir  dhuinn  an 
riogbachd  a  chiir  air  thoiseach  air  buidlieann 
air  bith,  Tory,  no  Liberal,  no  Sociahst. 
Bha  agus  tha  agus  bithidh  roinnean  anns 
an  rioghachd  a  thaobh  chuisean  riaghlaidh, 
c'a  dhivbh  is  fhearr  sud  no  so,  ach  tha 
aonachd  anns  an  rioghachd  as  laidire  na 
na  nithean  a  tha  'g  ar  dealachadh,  agus  am 
measg  nan  aobharaa  gu  bheil  an  aonachd 
so  ann  am  Breatunn  tha  an  t-aobhar  so 
gu  bheil  Breatunn  fo  bhuaidh  a'  Chreideamh 
Chriosduidh  o  chionn  mile  bliadhna.  Chan 
'eil  dixthaich  anns  an  Roinn  Eorpa  anns  an 
deachaidh  teagasg  a'  Bhiobuill  sios  cho 
domhain  's  a  chaidh  e  ann  am  Breatunn, 
air  chor  agus  gu  robh  inntinn  an  t-sluaigh 
uile  air  a  riaghladh  leis,  agus  fasain  na 
beatha  Chriosdail  a'  fantuinn  'n  an  cnamhan 
agus  'n  an  cleachdadh,  cia  dhiubh  a  dh'fhan 
an  Creideamh  'n  an  eancbainn  no  nach 
d'fhan.  Cha  toigh  leo  gamblas  no  ana- 
ceartas  no  an-iocbdmhorachd  ;  an  t-saorsa. 
a  tha  iad  ag  iarraidh  dhaibh  fhein  bheir 
iad  do  diiu^'ne  eile,  agus  cho  fad  's  a  tha 
duine  suairc  agus  ceanalta  'n  a  ghiiilan, 
agus  nach  'eil  e  aimbreiteach  no  'n  a  sgolb 
am  feoil  dhaoine  eile,  cha  chuir  e  eagal 
no  fearg  orra  ged  bhiodh  beachdan  aige 
a  tha  calg-dhireach  an  aghaidh  am  beachdan 
fhein. 

Eilean  mo  ghaoil, 

Is  caornh  learn  eilean  mo  ghraidh. 

Tha  ealain  aig  muinntir  Bhreatuinn  air 
iad  fhein  a  riaghladh  nach  'eil  aig  sluagh 
eile  air  thalamh,  oir  tha  iad  de'n  aon  stoc, 
air  an  gearradh  as  an  aon  charraig,  agus  cho 
coltach  ri  cheile  'n  an  gne  agus  'n  an  doigbean 
's  ged  bu  chlann  na  h-aona  mhathar  iad. 
Tha  aon  ghloir  aig  Diuc,  agus  gloir  eile 
aig  marsanta,  agus  gloir  eile  aig  gualadair, 
ach  is  Breatunnaich  iad  uile,  agus  faodaidh 
tu  daonnan  dol  an  urras  orra  a  thaobh  an 
dilseachd  do'n  rioghachd,  agus  an  diorras 
leis  an  lean  iad  air  am  beachdan  agus  an 
coiricbean  a  sheasamh. 

Tha  buaireas  agus  aimhreit  anns  an 
t-saoghal  an  diugh  a  tha  a'  bagairt  bunaitean 
rioghachdan  a  bha  aon  uair  rianail  agus 
l^idir  a  thilgeadh  bun  os  cionn  ;  muilleanan 
de  dhaoine  mi-thoilichte  le'n  staid,  agus 
an  dhil  nach  'eil  dad  eile  a'  seasamh  eadar 
iad  agus  a'  bheoshlaint  mhaith  a  tha  dhith 


orra  c(,ch  maighstirean  agus  daoine  mora 
a  tha  a'  deanamh  buannachd  as  am  boch- 
dainn-san.  Tha  oiteagan  laidir  de  'n  ghaoith 
sin  a'  seideadh  ann  am  Breatunn  mar  tha 
i  a'  seideadh  ann  an  duthchannan  eile, 
ach  cha  dean  i  milleadh  anns  an  eilean  so  a 
chionn  gu  bheil  aonachd  agus  ciall  agus. 
seasrphachd  anns  an  t-sluagh,  agus  ealain 
aca  air  iad  fhein  a  riaghladh. 

Ap3.  bitheantas  ma  tha  Revolution  a' 
tachairt  ann  an  diithchannan  eile  thig  i  le 
toit  agus  teine  agus  full,  ach  tha  Revolution 
a'  dol  air  aghaidh  gu  samhach  ann  am  Breat- 
unn o  chionn  bhUadh'nachan  a  rinn  barracbd 
atharrachaidh  agus  barracbd  leasachaidh 
air  cor  an  t-sluaigh  na  rinn  an  toit  agus  an 
teine  a  chunnacas  air  tir-mor  na  h-E6rpa. 
Bha  lamb  aig  na  pearrtaidhean  uile  anns 
an  atharrachadh  sin  ann  an,  tomb  as  mor  no 
beag,  oir  bha  ciall  agus  coguis  na  diithcha 
'g  am  putadh  air  an  aghaidh  agus  cha  robh 
de  mhughadh  eatorra  ach  gu  robh  cuid 
dhiubh  ann  an  cabhaig  na's  motha  na 
each,  agus  na  bu  chinntiche  gu'n  rachadh 
aca  le  laghannan  lira  agus  innleachdan  iira 
air  a'  mhor  shluagh  a  dheanamh  saorail 
agus  toilichte  agus  comhfhurtachail,  le 
beosblaint  mhaith.  Tha  an  duthaich  uile 
a  dh'aon  inntinn  anns  a'  chilis  so,  gu'm 
biodh  e  ceart  tighean  comhfhurtachail,  agus 
tuarasdal  maith,  agus  beoshlaint  fhreag- 
arrach  a  bhi  aig  an  luchd-oibre,  cia  dhiubh 
a  tha  iad  ag  obair  air  muir  no  air  tir,  fo'n 
talamh  no  os  a  chionn,  agus  chan  'eil  dad 
a'  seasamh  eadar  na  Socialists  agus  na 
Tories  ach  gu  bheil  na  Socialists  cinnteach 
gu'n  teid  aca  air  linn  an  aigh  a  chur  air 
bhonn,  agus  Breatunn  a  dheanamh  soirbh- 
eachail  agus  an  luchd-oibre  na's  saoraile 
agus  na's  fhearr  air  an  doigh,  leis  an  Staid 
a  ghabhail  obair  na  rioghachd  'n  a  laimh 
fhein,  agus  gu  bheil  na  Tories  de'n  bheachd 
gu'm.  bris  iad  an  rioghachd  ann  am  beagan 
bhliadhnachan  ma  leigear  leo  dol  air  an 
aghaidh  a'  froiseadh  maoin  na  rioghachd 
gun    chaombnadh. 

Co  a  tha  ceart,  am  fear  a  their  riut, 
"  Tha  gu  leoir  a  dii'airgiod  anns  an  diithaich," 
no  am  fear  a  their  riut,  "  Cia  as  a  thig  an 
t-airgiod  air  a  shon  so,"  no  "  Chan  urrainn 
so  mairsinn."  Tha  e  duilich  a  radh  c6  aca 
a  tha  ceart.  Ach  tha  duine  dona  a  bhios 
air  uairean  a'  bruidhinn  agus  ag  radh  rud 
a  tha  cho  leibideach  ris  fhein,  "  Mairidh  e 
ri  m'latha-sa  co-dhiubh."  Co  air  bith  a 
tha  ceart  no  cearr,  chan  e  mhain  gu  bheil 
esan  cearr,  ach  tha  e  'g  a  chur  fhein  a  mach 
a  comh-fhlaitheachd  dhaoine  dileas  aig  a 
bheil  gaol  air  an  duthaich  mar  tha  aca  air 
am    math  air. 


EILEAN  MO   GHAOIL 


Eilean  mo  ghaoil, 

Is  caornh  learn  eilean  mo  ghraidh. 

Teirgidh  sinne,  ach  mairidh  thusa,  agus  a 
chuid  sin  de  d'  chloiim  aims  a  bheil  do 
djbuthchas  agus  d'  fhior  fhuil  uasal  fhein, 
agus  cuiuaidh  iad  locbran  na  saorsa  bed 
anns  an  t-saoghal,'  agus  cuimhne  air  na 
nithean  grinn  agus  laghach  ann  am  beatha 
dhaoine  as  fhe^rr  na'n  t-6r.  Agus  cumaidh 
iad  do  dhorsan  fosgailte  a  thoirt  fasgaidh 
do  ^nraich  agus  do  fhogarraich  gun  dachaidh 
a  tha  teicheadh  o  fhoirneart  agus  o'n 
chruaidh-fhortan  'n  an'  dtithaicli  fhein. 

Bha  mi  cearr  cho  trie  ann  am  bheachdan, 
agus  bha  daoine  as  fhaide  sealladh  na  tha 
agam-sa  cho  cearr  cuideaehd,  's  gu'm  bu 
mhaith  learn  a  nis  Mghr  Attlee  fhaicinn  air 
cheann  na  rioghachd  cuid  mhaith  bhliadh- 
nachan   fhathast,    gus    am    biodh    e    air    a 


dhearbhadh  cia  dhiubh  is  e  maith  no  cron  a 
dheanadh  e  do'n  rioghachd  Innleachd  nan 
Socialists  a'  chur  an  cleachdadh.  Tha 
gach  ni  ri  fheuchainn  agus  ri  dhearbhadh 
m'an  gabhar  ris  gu  buUeach  no  gu  toileach, 
agus  o'n  a  chuir  sinn  ar  cas  air  a'  cheum 
so  idir  bu  mhaith  dhuinn  leantuinn  oirnn 
greis  na's  fhaide,  a  dh'fhaicinn  cia  dhiubh 
a  tha  an  ceum  tioram  agus  cruaidjx  fo'r 
casan,  no  tha  e  a'  criochnachadh  ann  am 
boglaich  agus  ann  an  siiU-chritheach. 

Aon  ni  a  dh'fhaodas  tu  a  bhi  cinnteach 
as,  gur  e  Breatunnaich  a  tha  annta  uUe, 
agus  gu  bheil  a'  cheart  ghaol  aig  Attlee  is 
Cripps  is  Bevin  air  an  diithaich  agus  an 
daoine  fhein,  a  tha  aig  Churchill  is  Eden. 

Eilean  mo  ghaoil, 

Is  caomh  leam  eilean  mo  ghraidh. 


Fo  Chraobh  Sheudair 


MAR  chuimhneachan  air  rudeigin  a  sgriobh 
mi  anns  na  duUleagan  so  mu'n  Admirable 
Crichton  chuir  caraid  coir  ann  an  Tobar- 
Mhoire  leabhran  beag  chugam  anns  a 
bheU  dusan  dealbh,  agus  dealbh  Chrichton 
'n  am  measg,  air  a  sgeadachadh  gu  riomhach 
ann  an  eideadh  saighdeir  agus  falluinn 
sgoUeir  m'a  ghuaUlean,  leabhar  'n  a  14imh 
chli  agus  claidheamh  'n  a  laimh  dheis, 
mar  gu'm  bu  choingeis  leis  cogadh  no  sith. 

Bha  na  dealbhan  so  uile  air  an  deanamh 
le  Iain  Duncan,  R.A.,  nach  maireann,  air 
iarrtas  agus  fo  sheoladh  Professor  Padraig 
Geddes  nach  maireann  na's  mo,  agus  tha 
iad  a  nis  air  an  crochadh  ann  an  aon  de 
na  seomraichean  ann  an  Ramsay  Lodge, 
an  Dtm-eideann,  togail  thurraideach  ard 
air  do  laimh  dheis  an  uair  a  bhios  tu  a' 
dol  a  steach  air  geata  a'  CbaisteU. 

Ged  nach  robh  dh'eolas  agam-sa  air 
Professor  Gedd-es  agus  Iain  Duncan  agus 
a'  bhean-uasal  Sine  Hay  agus  deisciobuil 
eUe  ach  an  t-eolas  a  tha  aig  isean  geoidb 
air  a'  ghrein  (rud  mor  iongantach  a  tha 
fada  bhuaith)  bha  mi  uair  no  dha  aig  coin- 
neamhan  a  bhiodh  aca  ann  an  Ttir  an 
Fhradhairc  aig  Ramsay  Lodge,  an  uair  a 
th^inig  mi  an  toiseach  'n  am  bhalach  6g  do 
Dhim-eideann.  Is  e  a  chuimhne  a  tha 
agam  air  Professor  Geddes  gu  robh  gaol 
aige  air  nithean  maiseach  agus  uasal,  sith 
agus  ciall  agus  grinneas,  agus  gu  'm  bu 
mhaith  leis  daoine  de'n  aon  inntinn  ris 
fhein  a  tharruing  timchioll  air,  a  dheanamh 
oidhirp  air  Alba  ur  a  thogail.  Alba  anns  am 
biodh   tighean   is   togalaichean   is   baUtean 


boidheach,  agus  sluagh  ealanta  is  gniomhach. 
Bha  e  'n  a  phlanner  ma  bha  duine  riamh 
ann,  ach  ged  bha  uiread  innleachdan  'n 
a  cheann  cha  d'thainig  a  bheag  asda  riamh, 
oir  cha  robh  e  cho  maith  air  ceann  a  chur 
ann  an  rud  's  bha  e  air  bruidhinn  uime. 
Anns  na  laithean  ud  dh'fheumadh  tu 
fhein  airgiod  a  thogail,  ma  bha  thu  air  son 
t 'innleachdan  a  chur  air  bhonn,  ach  an 
diugh  bheir  an  luchd-riaghlaidh  dhuit  na 
tha  dhith  ort  a  dh 'airgiod.  Ciod  a  theireadh 
Padraig  Geddes  na'm  faioeadh  e  na  bocsaich- 
ean-bathair  ris  an  abrar  Prefabs  ?  Chan 
'eil  fhios  agam  cia  dhiubh  a  bha  ann  Tory 
no  Liberal,  ach  tha  mi  an  duil  gar  esan 
aon  de'n  cheud  fheadhainn  a  thog  bratach 
Albann  ri  barr  a'  chroinn.  Bu  duine  e  a 
bha  daonnan  a'  faicinn  'n  a  bhruadair 
saoghal  a  b'  fhe^rr  na'n  saoghal  air  an 
robh  e  a'  sealltainn  'n  a  dhiisgadh,  ainglean 
Dhe  a'  direadh  agus  a'  tearnadh  air  staidh- 
richean    dubha    Dhiin-eideann. 

Am  measg  nan  dealbhan  eile  anns  an 
leabhran  so  tha  "  Dusgadh  Chuchullin," 
"  Comhrag  Fhinn,"  "  Turns  an  Naoimh 
Mungo,"  "Aisling  Eoin  Scotus  Erigena," 
"  Michael  Scot,"  "  Iain  Napier,  Fear  Mher- 
chiston,"  "  Seumas  Watt,"  "  Sir  Walter 
Scott,"  "  Te^rlach  Darwin,"  agus  am  "  Morair 
Lister,"  daoine  a  rinn  euchdan  agus  obair 
cho  ainmeil  agus  cho  buannachdaU  do'n 
t-saoghal  's  gu'm  bi  cuimhne  orra  gu  br^th. 

Ma  their  thu  nach  bu  chall  m6r  e  do'n 
t-saoghal  ged  nach  biodh  cuimhne  bhuan 
air  ainm  Fhinn  Mhic  Cumhail,  ceadaich 
dhomhsa  a  radh  riut  gu  siobhalta  gu  bheil 


FO   CHRAOBH   SHEUDAIR 


thu  ce^rr,  oir  tha  Fioim,  'n  a  bheatha  agus 
'n  a  phearsa  fhein,  a'  cumail  m'ar  coinneamh 
dealbh  an  fhior  dhuin-uasail.  Agus  nach 
bu  mh6r  an  call  e  na'n  cailleamaid  ar  n- 
aithne  agus  ar  meas  air  duin-uasal. 

Cba  do  shir  agus  cha  do  sheachain  Fionn 
eaoTinag  riamh,  ach  cha  do  rinn  e  riamh 
rud  salach  no  leibideach  air  a  namhaid  ; 
bheireadh  e  dha  "  Cothrom  na  Feinne,"  an 
rud  ris  an  abair  na  Sasunnaich  fair  play, 
agus  an  uair  a  bhiodh  an  tapaid  uU^mh 
dheanadh  e  ris  mar  a  rinn  e  ri  Suaran, 
righ    Lochlainn. 

Bha  blar  eadar  an  da  fheachd  a  chaidh 
air  aghaidh  fad  eheithir  laithean ;  air  a' 
cheathramh  1^  bha  Suaran  agus  Fionn  an 
s^s  'n  a  cheUe  an  comhrag-dithis,  comhrag 
a  bha  cho  searbh  's  gu'n  do  stad  an  da 
fheachd,  a  dh'  fhaicinn  ciamar  a  rachadh 
dhaibh.  Bha  Fionn  na  bu  laidire,  agus 
b'  fheudar  do  Shuaran  geUltinn,  ach  bha 
Fionn  cho  uasal  agus  cho  nior  'n  a  inntinn 
's  gu'n  d'  iarr  e  air  na  clarsairean  cliti 
Shuarain  agus  morachd  Lochlainn  a  sheinn. 
Anns  an  fheasgar  shuidjb  an  dithis  comhla 
aig  cuirm  mhor,  dh'  61  iad  air  sl^inte  c^ch 
a  cheUe,  is  bhoidich  Suaran  nach  tigeadh  e 
gu  brath  tuiUeadh  a  chogadh  ris  na  h- 
Eireannaich  no  ris  na  h-EUeanaich.  An  sin 
leig  Fionn  mu  reir  e,  is  sheol  Suaran  air 
ais  do  Lochlann. 

Nach  bu  mhaith  do  fheachdan  nan 
rioghachdan  agus  do'n  chinne-daonna  uile 
na'n  robh  dealbh  Fhinn  air  a  chrochadh 
ann.  am  meadhon  a'  champa  anns  a  h-uile 
camp  's  an  Roinn-Eorpa,  agus  air  ballachan 
nam  Parlamaidean,  a  chur  an  cuimhne 
chomanndairean  agus  shaighdearan  agus 
luchd-riaghlaidh  nach  fhiach  do  dhuine  no 
do  rioghachd  an  saoghal  uile  a-  chosnadh  no 
chiosnachadh  ma  chaUleas  iad  an  uaisle 
nMurra  'g  a  dheanamh. 

Chan  'eU  cogadh  a'  toirt  oUbheum  air 
bith  do  m'  choguis-sa,  oir  mur  bheil  e  air 
fhilleadh  cho  teann  ann  an  comh-shuidh- 
eachadh  a'  chruthachaidh  's  nach  gabh  e 
cur  as  tha  na  h-innleachdan  a  tha  aig  daoine 
air  cur  as  dha  cho  faoin  agus  cho  diomhain 
's  nach  'eil  annta  ach  ruagadh  na  gaoithe. 
Ach  is  e  a'  chilis -naire  gu  bheil  cogadh 
an  diugh  air  fas  cho  briiideil  agus  cho 
oHlteil  's  gu'n  cuireadh  e  sgreamh  air  leithid 


Fhinn.  Shaoileadh  tu  nach  e  daoine  a 
bhios  a  tapaid  idir  ach  uilbheistean  agus 
deamhain.  Ach  ciod  eile  a  tha  ann  an  duine 
ach  deamhan  an  uair  a  ehailleas  e  'uaisle 
nadurra  ? 

Is  fhada  an  glaodh  o  Fhionn  Mac  Cumhail 
gu  Joseph  Lister,  an  lighiche  ainmeil  a 
shabhail  beatha  barrachd  dhaoine  o'n  bh4s 
leis  an  doigh  vlt  a  fhuair  e  air  creuchdan 
a  chumail  o  lobhadh  na  duine  eile  a  bha 
riamh  ann.  Gun  dol  air  ais  na's  fhaide 
na  ceithir  fichead  bliadhna  bha  moran  de 
na  gearraidhean  a  bhiodh  dotairean-na-sgtue 
a'  deanamh  air  cuirp  dhaoine  a  lionnachadh 
agus  a'  grodadh,  air  am  puinnseachadh  le 
ni-eigin  nach  robh  iad  a'  tuigsinn.  Ach 
leis  an  tur  iongantach  a  thug  Dia  dha  bha 
amharus  aig  Lister  gur  e  na  fridean  a  tha 
anns  an  adhar  agus  na  midrobes  a  tha  anns 
gach  smtiirnean  duslaich  mu'n  cuairt  orrnn 
a  bha  faotainn  a-  steach  do'n  lot  agus  ag 
aobharachadh  a'  bhais,  agus  cha  do  stad  e 
riamh  gus  an  do  dhearbh  e  a  phuing  agus 
an  d'  fhuair  e  doigh  air  na  creutairean 
biodach  sgriosail  a  chumail  o'n  lot  anns  na 
h -operations  a  bhiodh  e  a'  deanamh, 

Bha  an  saoghal  uile  'n  a  aghaidh  an 
toiseach,  saoghal  na  dotaireachd,  ach  seasaidh 
an  fhirinn  daonnan  oir  cha  ghabh  i  miichadh, 
agus  an  diugh  tha  a  h-uile  surgeon  air  an 
t-saoghal  a'  gabhail  ri  teagasg  Lister  agus 
a'  leantuinn  a  dhoighean. 

Sasunnach  uasal  a  bha  cho  fada  os  cionn 
lighichean  eUe,  'n  a  thalantan,  'n  a  irioslachd, 
agus  'n  a  nadur  reidh  caomhail,  's  a  bha 
Saul  OS  cionn  an  t-sluaigh.  M'  an  do  shiubh- 
aU  e  ann  an  1912  cha  robh  urram  no  onoir  a 
b'urrainn  an  rioghachd  agus  oilthighean 
Albann  agus  Shasuinn  a  thoirt  dha  nach 
d'  fhuair  e.  Air  tir-mor  na  Roinn-Eorpa 
bhiodh  maithean  nan  Oilthighean  agus 
lighichean  ainmeil  a'  tighinn  'g  a  choinneach- 
adh  agus  a  dheanamh  a  bheatha  mar  gu'm 
bu  Righ  no  Prionnsa  e. 

An  uair  a  thug  Righ  Eideard  onoir 
shonruichte  dha  thuirt  e  ris.  "  Cha  bhithinn- 
sa  bed  an  diugh  mur  bitheadh  an  obair  a 
rinn  thusa." 

Tha  mi  an  diiil  nach  aithne  dhomh  aodann 
eile  anns  a  bheil  dealradh  gloire  Dhe  na's 
soiUeire  na  ann  an  aodann  Lister. 


Cuairt  an  Eirinn 


Le  M4iri  Sine  DhdmhnuUach,  a  sgriobh  an  leabhar  "Hail  Caledonia  I  " 

theid  mi  air  m'  ais,  bha  mo  dhaoine  G^idh- 
ealach  agus  mar  sin  tha  beagan  de'n  innil 
Eireanach  a'  ruith  anns  na  feithean  agam. 


BHA  e  'n  am  inntinn  air  son  iomadn  bliadhna 
sgriob  a  thoirt  do  dh'  Eirinn.  Buinidh  mi 
do  dh'  Earra  Ghaidheal  agus  cho  fada  agus  a 


6 


CUAIRT  AN  EIRINN 


Mu  dheireadh  ann  an  toiseach  an  fhoghair 
ghabh  mi  bata  bho  Ghlaschu.  B'  e  sin  am 
feasgar  briagha  a'  dol  sios  abhainn  Chluaidh  ; 
a'  ghrian  a'  dol  fodha  's  a'  sgaoileadh  a 
gathan  dearg  air  na  cnuic,  agus  na  tuinn  a' 
dannsadh  agus  a'  mireag  ri  cheile.  Moch  's 
a'  mhaduinn  rainig  sinn  Eirinn  agus  chaidh 
sinn  air  tir  aig  Derry,  no  mar  a  dli'abras  na 
h-Eireannaicb  ris,  Doire  Chalum-chille.  Ach 
bha  sinn  deich  agus  tri  fichead  m.ile  o'r 
ceann-uidhe  aig  Burtonport,  no  AUt-na- 
corran,  agus  an  t'  astar  so  chaidh  sinn  ann 
an  carbad-ola.  Tha  Allt-na-corran  air  a' 
chladach  arms  an  iar-thuath  de  Dhonegal. 

An  deidh  Doire  fhagail,  tha  coltas  an 
fhearainn  brighmhor  agus  na  bailtean  air 
an  cuartachadb  le  callaid  gus  an  ruig  sinn 
Letterkenny,  arn  baile  as  mo  ann  an  Donegal 
le  thairis  air  da  fhichead  mile  de  shluagh. 
Cha  mhol  mi  tighean-comhnuidh  no  tighean- 
osda-  a'  bhaile  so  ach  is  ann  a  chunnaic  mi 
an  Ard-eaglais  cho  briagha  agus  air  an  do 
laigh  mo  shiiil.  Chosd  i  £300,000  ann  an 
1900,  agus  thug  iad  deich  bliadhna  'g  a 
togail.  Bha  an  rathad-mor  math,  ach  bha 
e  suas  agus  a  nuas  agus  is  iomadh  car  cam 
a  ghabh  e.  Bho  Letterkenny  gus  an  d' 
rainig  sinn  Burtonport  bha  na  croitean 
bochd  agus  beag.  Ach  thig  crioch  eadhon 
air  rathad  fada  agus  rainig  sinn  Allt-na- 
corran  le  gaoth  agus  uisge  'g  ar  dalladh. 

Rathaidean  maith 

Chuir  e  iongantas  mor  orm  cho  lionmhor 
agus  cho  math  agus  a  bha  na  rathadan-mora 
anns  an  oisinn  so  de  Dhonegal.  Tha  bailtean 
beaga  lionmhor  agus  rathad  maith  'g  an 
ceangal  ri  cheile.  Rinn  Sasunn  moran 
tuUleadh  cu  idea  chaidh  le  Eirinn  na  rinn  i 
riamh  do  dh'  Albainn.  Tha  an  t-Eireannach 
math,  le  piocaid  agus  spaid ;  tha  clachan 
saibhir  agus  goireasach  air  son  togail ;  le 
uisge  agus  creag  ghranit  agus  m.6ine  gu 
leoir  agus  crioman  beag  fearainn  chan  'eil 
iad  gun  innleachd  air  beo-shlaint.  Chuir  e 
iongantas  orm  na  bha  de  thighean  beaga 
sgapta  feadh  na  tir.  Cha  robh  iad  idir  'n 
an  clachain.  Bha  crioman  beag  fearainn 
a'  dol  leis  gach  tigb,  agus  bha  buntata 
coirce,  feur-gearraidb  agus  feur-ionaltraidh 
aca.  Bha  m.art  agus  C3arcan  aig  gach 
teaghlach,  ach  bha  na  h  achaidhean  cho 
beag,  is  e  an  corran  agus  an  speal  a  bha 
iad  a'  cleachdadh.  Bha  garadh  de  chlachan 
granit  mu'n  cuairt  gach  criom.an  beag 
fearainn  coltach  ro  Galloway  Dyke  anns  an 
diithaich  so.  Bu  ghasda  an  sealladh  na 
clachan-granit  fhaicinn  a'  de^rsadh  ann 
an  solus  na  greine  agus  a'  bheinn  mhor 
eireachdail  Errigol,  le  ceann  anns  an  speur 


a  riaghladh  thairis  orra  uUe.  Bha  na  tighean 
ag  eirigh  as  an  talamh  mar  gu'n  do  dh'fhas 
iad  coltach  ris  na  craobhan. 

Tha  a'  mhor-chuid  de  na  tighean  fo 
sgliatan  ach  is  e  cement  a  tha  a'  cumail  nan 
sghatan  'n  an  aite  agus  chan  e  tairngean 
mar  a  tha  sinn  ag  cleachdadh.  Tha  sin  ag 
innseadh  cho  laidir  agus  a  bhitheas  gaoithean 
a'  gheamhraidh.  Tha  tighean  ann  comh- 
daichte  le  tubba  agus  is  iad  a  tha  snasmhor. 
Mu'n  ruig  balla  an  tighe  Ian  airde  tha 
clachan  caola  fada  air  an  togail  anns  a' 
bhaUa  agus  is  ann  ris  na  speicean  so  a 
tha  na  siomain  ceangailte.  Tha  so  moran 
na's  fhearr  na  na  clachan  agus  na  h-iaruinn 
a  bhitheas  a'  cum.ail  an  tubha  na  h-aite 
agamne.  Tha  rud  priseil  anns  a'  mhoine 
dhubh  chruaidh,  ach  beag  cho  math  ri 
gual.  Bu  bhoidheach  an  sealladh  asail 
bheag  fhaicinn  anns  an  fheasgar  le  cliabh 
air  gach  taobh,  a'  giiilan  dhachaidh  na 
moine.  Tha  asailean  lionmjior  ann  an 
Eirinn,  agus  is  e  sin  an  creutair  aotrom 
sgiobalta.  Air  mo  rathad  do  thigh-na- 
litrichean  thachair  orm  sean-duine  agus 
ropa  fada  aige  an  crochadh  ri  asail  bheag. 
"  Tha  i  tuilleadh  agus  luath  air  mo  shonsa," 
thubhairt  esan.  So  a'  cheud  duine  agus 
an  aon  duine  a  chuala  mi  riamh  a'  gearan 
gu'n  robh  asail  a'  gluasad  tuilleadh  agus 
luath ! 

Na  h-Eileanan  Arannach 

Bha  moran  eileanan  mu'n  cuairt  a' 
chladaich  agus  is  ann  beag  a  bhiodh  iad 
da  rireadb  mur  biodh  sluagh  an  comhnuidh 
orra.  Bha  aon  fhear  na's  motha  na  each, 
agus  b'  e  sin  Aran-mor.  Tha  e  mu  mheudachd 
Eige  ach  tha  sia  ceud  deug  sluaigh  air, 
agus  an  uair  a  thilleas  an  oigridh  a  tha  'g 
an  cosnadh  ann  an  Albainn  agus  ann  an 
Sasunn  aig  deireadh  na  bliadhna  bithidh 
da  mhile  air  an  eilean  so.  Tha  da  shagairt  a' 
frithealadh  dhaibh  agus  tha  feum  air 
seachdnar  a  theagasg  na  cloinne.  Chan 
fhaic  sinn  idir  mu'n  cuairt  cladach  Eirinn 
eileanan  fas  no  air  gle  bheag  sluaigh  mar  a 
tha  Rvim  agus  Ulbha  agus  iomadh  eilean 
eile  ann  an  Albainn. 

Chan  fhaca  mi  Prostanach  ach  coigrich 
mar  a  bha  sinn  fhein  anns  an  sgir,  agus  cha 
b'urrainn  domh  gun  aideachadh  gun  robh 
muinntir  na  h-eaglais  Shasunnaich  fada 
fada  cearr  an  uair  a  thug  iad  eaglais  Eirinn 
mar  ainm  air  na  h-eaglaisean  easbuigeach 
aca  fein.  Chaidh  mi  air  an  t-Sabaid  do'n 
eaglais  phapanach  ;  cha  robh  eaglais  eile 
anns  an  kite.  Bha  an  eaglais  Ian — mu  thri 
ceud  innte  agus  mu  fhichead  'n  an  seasamh 
aig  an  dorus.     Bha  moran  a  thainig  astar 


CUAIRT  AN  EIRINN 


fada,  cuid  a'  coiseachd  agus  mu  thri  fichead 
air  bicycles.  C  ait  am  faic  sinn  eaglais  Ian 
ann  an  sgir  djiuthchail  anns  an  tir  so !  Gu 
dearbh  bha  farmad  orm.  Chuala  mi  beagan 
a  ciiord  rium  agus  chunnaic  mi  beagan  a 
thainig  'n  am.  aghaidh.  Bha  moran  cloinne 
le  9  m  parantan,  agus  bu  thaitneach  an 
sealladh  sin.  Bu  toigh  learn  cuideachd  mai- 
a  bha  moran  de  na  mnathan  air  an  sgeadach- 
achadh.  Bha  earrasaid  dhubh  mu'n  guailleam 
m.6ran  diubh  de  chashmere.  Bha  mu  throigh 
de  fhraoidhneas  sioda  mu'n  cuairt  gach 
earrasaid.  Bha  iad  a'  toirt  nan  cailleachan 
dubha  'n  am  chiiimhne,  a  bhitheas  a' 
teagasg  anns  na  sgoiltean  papanach  agus  a' 
freasdal  do  na  bochdan.  _ 

Feasgar  na  Sabaid 

Bha  latha  na  Sabaid  seachad  aig  a' 
mheadhon-la.  Anns  an  fheasgar  bha  regatta 
aig  Ceanncaslough,  agu«  b'e  sin,  a  reir 
coltais,  a  chord  riutha.  Chuir  ceithir  gillean 
l^idir  reis,  gach  aon  ann  an  curach  leis 
fein.  Bha  reis  air. son  gheolachan  ann  agus 
r^is  air  son  sgothan  eadar  coig  deug  agus 
fichead  troigh  anns  an  druim. 

Ciamar  a  tha  daoine  a'  tighinn  bed  an- 
na croitean  beaga  bochda  ?  Bithidh  seann 
ch^raid  le  'pension  a'  fuireach  le  caraid  og 
agus  iad  a'  cuideachadh  a  cheile.  Tha  an 
oigridh  a'  dol  'g  an  cosnadh  anns  an  t-sam.h- 
radh ;  tha  iad  curam.ach  agus  coibhneil 
agus  ro  mhaith  do  na  seann  daoine  anns  an 
dachaidh. 

An  uair  a  bha  Donegal  fo  riaghladh 
Shasuinn  bha  tri  togalaichean  mora  a'  dean- 
amh  brait-iirlar,  ach  bho  na  fhuair  Eire  fein- 
riaghladh  sguir  dithis  dhiubh.  Is  e  Sasunn  a 
bhitheas  iad  a'  ca^neadh  daoronan  ach  chan 
abair  iad  idir  Breatunn.  Ach  is  e  cainnt 
Shasuinn  a  tha  a'  mhor-chuid  a'  bruidhinn, 
agus  tha  e  dol  a  bhi  gle  dhuilich  an  t-seann 
chaimat  ath-bheothachadh.  Tha  fios  aig 
an  oigridh,  ma  dh'fhagas  iad  Eirinn,  gu'm 
feum  iad  Beurla.  Chi  thu  amm  a'  bhuth 
ann  am  Beurla  agus  ann  an  G^idhlig  mar 
so — Burtonport  Post  Office,  Oifis  a'  phuist 
aig  Allt-na-corr&n.  Tha  iad  ag  ionnsachadh 
beagan    Gaidhlig    anns    an    sgoil    ach    chan 


'eil  iad  a'  bruidhinn  Gaidhlig  anns  an  dach- 
aidh. Chan  abair  an  oigridh  gu'm  bheil 
iad  a'  dol  air  cheilidh  ach  gu'm  bheil  iad  a' 
dol  gu  "  hooley  "  no  "  dance."  Tha  iad  air 
na  scan  chleachdaidhean  Eireannach  a 
leigeil  air  di-chuimhne,  agus  tha  feum  mor 
air  luchd-teagasig  a  dh'  fhoillseachadh  dhaibh 
gu'n  caill  iad  rudeigin  fiachail  an  uair  a 
threigeas  iad  an  drain,  an  sgeulachdan, 
agus  an  cleachdaidhean  fhein. 

Calum-Cille 

Chaidh  sinn  a  dh'  fhaicinn  Ghartan  far 
an  do  rugadb  Calum-cille  agus  chunnaic 
sinn  an  t-seann  eaglais  agus  an  eaglais  iir 
a  tha  air  a  h-ainmeachadh  air.  Anns  an 
t-seann  tobhta  cha  bhiodh  e  duilich  leam 
mo  bhrogan  a  chur  dhiom.,  a'  faireachduinn 
gu'n  robh  an  talamh  naomh  mu'n  cuairt 
orm.  Air  gach  taobh  de'n  eaglais  bha 
uaighean  Chloinn-Neill  agus  Chloinn  Domh- 
nuill,  gach  cogadh  agus  aimhreit  seachad 
agus  sith  Dhe  ag  iathadh  mu'n  cuairt. 

Dh'61  smn  a  tobar  Chaluim-chille  agus 
sheall  sinn  air  an  loch  agus  air  na  cnuic  air 
an  do  laigh  a  shuil  le  tlachd,  agus  ann  an 
stiil  na  h-inntinn  lean  sinn  e  a  dh'Albainn 
agus  thug  sinn  buidheachas  gun  fhacail 
air  son  tiodhlac  Dhe  do'n  t-saoghal  ann  an 
Calum-cille.  Thug  sinn  carbad  leinn  la 
eile  agus  chunnaic  sinn  Tir  Chonaill  gu 
ruige  Eilean  an  Tuir  (Tory  Island).  Chunnaic 
sinn  tighean-gloine  anns  an  robh  tuatb- 
anaich  a'  togail  "  Tomatoes  "  air  son  a' 
mhargaidh.  Is  e  Bord  an  fhearainn  a  thog 
na  tighean  so  agus  bidh  fiughair  againn  gu'n 
dean  an  tuathanachas  iir  so  gu  math  ann 
an  tir  anns  am  bheil  fuchsia  agus  ra.nneach 
rioghail  a'  fas  air  bheag  curam.  Bha  ni 
eile  a  chuir  iongantas  orm.  Chan  fhaca  mi 
rainneach  a  sgrios  na  duthcha  mar  a  tha  e 
arms  an  tir  againne. 

Ann  an  roinn  Ulaidh  de  dh'Eirinn,  tha 
ceithir  fichead  agus  deich  m.ile  de  ghabhail 
fhearainn,  eadar  bheag  agus  mhor,  agus 
ceithir  fichead  as  a'  cheud  dhiubh  fo  leth- 
cheud  acair.  Is  e  sin  ri  radh — -tha  ann  an 
aon  roinn  de  dh'Eirinn  tuilleadh  bhailtean 
fearainn  na  tha  ann  an  Albainn  air  fad. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Aran  Odhar 

CO    dhiubh    a    dh'itheas    no    dh'olas    sibh, 
deanaibh  na  h-uile  nithe  chum  gloire  Dhe. 

Chan  'eil  seanchas  as  trice  aig  daoine  anns 
na  l^ithean  so  na  bhi  a'  talach  air  a'  bhiadh. 
Tha  gearan  as  cruaidhe  aca  na  bha  aig 
clann  Israeli  anns  an  fhasach,  a'  cuim.hneach- 


adh  air  poitean-feola  na  h-Eiphit  agus  aran 
gu'n  sath.  Ach  ged  nach  'eil  an  t-aran  no 
an  fheoil  a  tha  againn  o  chionn  bhliadhnachan 
a'  freagairt  ach  air  stam.agan  laidir,  chan 
'eil  e  maith  dhuina  a  bhi  ag  ochanaich 
umpa  tuilleadh  's  a  choir.  Cho  fada  's  a 
dh'fhanas  an  luchd-riaghlaidh  gun  a  bhi  a' 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


feuchainn  ri  chur  mar  fhiachaibh  oirnn  gu 
bheil  sinn  air  ar  biathadh  na's  fhe^rr  na 
bha  sinn  roimh  'n  chogadh,  giulainidjb.  sinn 
leis  an  aran  odhar  agus  le  gainne  annlainn 
mar  is  fhe^rr  as  urrainn  duinn,  oir  tha 
fhios  againn  gu  maith  nach  ann  aig  an  duine 
ud,  no  aig  an  duine  ud  eile,  a  tha  a'  rboire  am 
biadb  a  bhi  dona  agus  gann  ach  aig  a' 
chogadh.  Chaith  sinn  ann  an  sia  bliadhna 
na  chuir  ar  n-athraichean  mu  seach  ann 
an  leth-cheud,  agus  tha  uiread  ainbheich 
oirnn  a  nis  's  gu  bheil  sinn  a'  ceannach  ar 
bidh   air  dail. 

Chan  'eU  doigh  eile,  ma  ta,  air  itheadh 
agus  61  chum  gloire  Dhe  ach  a  bhi  taingeil 
leis  a'  bheagan  a  tha  age  inn,  a  bhi  stuama 
agus  caomhantach  air  a'  bbiadh,  agus  gun 
a  bhi  'g  ar  caoidh  fhein  thar  tomhas  a 
chionn  nach  fhaigh  sin  na  criomain  mhilis 
a  bu  mhaith  leinn.  Agus  chan  'ail  doigh 
eile  air  gu  leoir  de  bhiadh  fhaotainn  ach 
obair  a  dheanamh.  "  Mur  aill  le  neach  obair 
a  dheanamh,  na  h-itheadh  e  biadh." 

Ge6caireachd  agus  drongaireachd 

Tha  sinn  a'  cur  seachad  cuid  mhaith  d'ar 
beatha  ag  itheadh  agus  ag  61.  Ma  bheir  thu 
leth-uair  thar-a-cheile  do  gach  trath  bidh 
a  ghabhas  tu,  agus  ma  ghabhas  tu  tri 
trathan  a  h-uile  latha,  agus  ma  ruigeas  tu 
tri  fichead  's  a  deich,  cuiridh  tu  seachad 
c6rr  is  ceithir  bliadhna  de  d'  shaoghal  ag 
itheadh,  caob  mhaith  de  d'  bheatha.  A 
thuilleadh  air  sin  is  ann  an  uair  a  bhios 
sinn  'n  ar  suidbe  aig  a'  bh6rd  a  tha  an  caid- 
reamh  as  dliiithe  againn  ri  muinntir  an 
teaghlaich  againn  fhein,  air  chor  agus  gu 
bheil  an  uine  sin  anabarrach  buadhach 
gu  bhi  'g  ar  daingneachadh  ann  an  d6ighean 
grinn  agus  gaolach,  no  ann  an  droch  fhasain 
agus  ann  an  cleachdanna  peacach.  Nach 
laghach  agus  nach  imitinneach  a  bhi  a' 
cluinntinn  bhraithreaa  agus  pheathraichean 
aig  a'  bhord,  a'  tarruing  as  a  cheile  uime 
sud  no  uime  so,  ach  air  an  laimh  eUe  nach 
ann  aig  a'  bhord  a  tha  daoine  ag  ionnsachadh 
ge6caireachd,  aon  de  na's  miosa  de  pheacaidh- 
ean  na  fe61a. 

Tha  an  eaglais  ,Phapanach  a'  cur  ge6cair- 
eachd  am  measg  nam  peacaidhean  graineil 
ris  an  abair  i  "  peacaidhean  basmhor," 
ach  tha  mi  an  duil  nach  cuala  mi  riamh 
searmon  ann  an  eaglais  Phrostanach  mu'n 
chleachdadh  mhosach  so,  no  ministear  a' 
maoidheadh  air  coimhthional  gu'n  teid 
ge6cairean  a  dh'  ifreann.  Maith  dh'fhaoidhte 
gur  e  an  t-aobhar  ai?  sin  gu  bheil  iad  'g  a 
fh^gail  aig  lighichean  rabhadh  a  thoirt  do 
dhajOine  mu  gheocaireachd,  ach  tha  fhios 
aig  na  lighichean  gu    bheil   am   beoshlaint 


an  crochadh  ri  neo-mheasarrachd  an  comh- 
chreutairean,  agus  air  ghaol  sith  agus  reite, 
leigidh  iad  an  siubhal  le6. 

Tha  sinn  uile  trom  air  a'  mhisgeir,  ach  ann 
an  seagh  fior  chan  'eU  miighadh  eadar  an 
drongair  agus  an  ge6caire  ach  a  mhain 
gu  robh  an  geocaire  na  bughlice  (no  theagamh 
na  b'fhortanaiche)  ann  an  taghadh  an  ni 
anns  a  bheil  e  ana-measarra.  A  thaobh 
moraltachd  a'  ghnothuich  chan  urrainn 
an  dara  fear  clach  a  thilgeadh  air  an  fhear 
eile,  cia  dhiubh  is  e  fe6il,  no  iasg,  no  piob, 
no  leami,  no  uisge-beatha  a  thug  orra 
tuisleachadh,  oir  Is  e  an  cron  agus  an  cionta, 
gu'n  do  bhris  iad  lagh  na  stuamachd  agus 
nach  do  cheus  iad  an  ana-miannan. 

Ach  air  a  shon  sin  chan  abair  mi  gu'm 
bu  cho  maith  leam  duine  fhaicinn  air  an 
daoraich  ri  geocaire  a'  dinneadh  bidh  'n 
a  bhru  le  f alius  a  ghniiise,  oir  ged  nach  'eil 
anns  an  da  ni,  a  thaobh  m6raltachd  agus 
ann  an  stiLlean  Dhe,  ach  b6  mhaol  odhar  is 
bo  odhar  mhaol,  tha  na  peanasan  a  tha 
leantainn  na  misge  anns  an  t-saoghal  so 
moran  na's  truime  na  na  peanasan  a  tha 
leantainn  geocaireachd,  agus  a'  tuiteam 
gu  trie  air  daoine  neochiontach,  air  mnathan 
is  clann.  Sin  rud  a  tha  gle  iongantach  ann  an 
saoghal  a  tha  air  a  riaghladh  le  gliocas  an 
UUe-chumhachdaich,  gu  bheil  peanasan  cho 
aotrum  a'  tuiteam  air  aon  pheacadh  agus 
peanasan  cho  trom  a'  tuiteam  air  peacadh 
eile,  ged  tha  iad  coltach  ri  cheile  cho  fad  's  is 
leir  dhuinne. 


Laoidh   Fhoghair 

Na  raointean  threabh  is  chuir  sinn, 
Le  siol  ro  phriseil  caoin  ; 
Ach  thainig  dealt  is  dh'fhas  e, 
0  Dhia  tha  gr&smhcr  caomh  : 
'S  a'  gheamhradh  bheir  e  sneachda, 
'S  'n  a  am  an  samhradh  blath  ; 
Le  osaig  chiiiin  is  grian-gheal, 
Is  frasan  cubhraidh  tlath. 

Chan  'eil  maith  mu'n  cuairt  duinn, 
Nach  'eil  o  Dhia  nan  gras  ; 
0  cliu  do  Dhia !    0  cliu  do  Dhia  ! 
Thug  gr4dh  cho  l^n. 

'S  e  fein  a  mhain  a  chruthaich, 
Gach  ni  tha  bhos  is  thall ; 
'S  e  Dia  thug  mais'  do'n  ne6inein, 
'S  do'n  reult,  a  gloir  's  gach  ball : 
Tha  sian  is  tuinn  fo  smachd-san, 
'S  e  lamh  a  bhiadh  na  h-eoin  ; 
Nach  m6  bheir  Dia  ar  n-Athair, 
Dhuinn  fein  gach  1^  ar  Ion. 
Chan  'eil  maith,  etc. 

Matthias  Claudius. 
Bad  le  Calum  Mac  GHiLLrNKEiN. 


Aireamh  12 


1948 


Sgeul  aoibhneach  na  NoUaige 

"  Agus  thubhairt  an  t-aingeal  riu,  Na  biodh  eagal  oirbh ;  oir  feuch,  tha  mi  ag  innseadh 
dhuibh  deagh-sgiil  mhor-aoibhneis,  a  bhitheas  do'n  uile  shluagh ;  oir  rugadh  dhuibh  an 
diugh  ann  am  baile  Dhaibhidh,  Sldnuighear  as  e  Criosd  an  Tighearna."—  Lucas  ii,  10. 


SO  am  mios  de'n  bhliadhna  air  a  bheil  a' 
Chriosdachd  uile  a'  cumail  cuimhne  air 
teachd  Chriosd  do'n  t-saoghal,  air  a  bhreith 
ann  an  st^bull  am  Betlehem,  Mac  gaolach 
Dhe  a'  tighinn  a  steach  do  shaoghal  fuar  nach 
do  rinn  a  bbeatha.  Ach  ged  bha  muinntir 
Bhetlehem  'n  an  cadal  an  oidhche  ud,  agus 
gun  smuain  no  umhail  aca  do'n  longhnadh 
shiorruidh  a  bha  cho  dluth  dhaibh,  bha  na 
h-ainglean  'n  an  dtisgadh,  a'  toirt  gloir  agus 
moladh  do  Dhia  :— 

"  Gach  gloir  do  Dhia  's  na  neamhan  shuas, 
sith  bhuan  air  thalamh  tk ; 

Nochd  Dia  'dheagh-thoil  do'n  chinne- 
daonn'." 

Cha  b'ann  gun  aobhar  a  chuir  Lucas  sios 
'n  a  leabhar  na  laoidhean  molaidh  a  gheibh- 
ear  ann  an  toiseach  an  t-soisgeil  a  sgriobh  e, 
oir  chan  e  mh^in  gu  robh  teachd  Chriosd  'n 
a  sgeul  aoibhneach  do'n  iarmad  bheag  de 
dhaoine  ciutn  agus  diadhaidh  a  bha  a' 
feitheamh  ri  solas  Israeli,  ach  bha  soisgeul 
Chriosd  'n  a  sgeul  mh6r-aoibhneis  do  na 
deisciobuil  a  lean  e  ann  an  Galile,  agus' do 
na  ceud  chreidmhich.  Agus  tha  an  soisgeul 
'n  a  sgeul  mhor-aoibhneis  arms  an  eaglais 
an  diugh  fhathast. 

O  chionn  oidhche  no  dhk,  an  uair  a  bha 
mi  a'  leughadh  ann  an  Gniomharan  nan 
Abstol  mu'n  aonachd  agus  mu'n  aoibhneas  a 
bha  ann  an  cridheachan  nan  creidmheach 
anns  a'  cheud  linn,  a'  briseadh  arain  o  thigh 
gu  tigh  le  gairdeachas,  chuimhnich  mi  air  an 
tiotal  aig  leabhran  beag  a  bha  air  a  chur  a 
mach  o  chionn  cuid  mhaith  bhliadhnachan 
le  Fear-deasachaidh  an  Hibbert  Journal 
"  Mor-aoibhneas  a'  Chreidimh  Chriosduidh 
air  a  chall."  Co  is  urrainn  an  Tiomnadh 
Nuadh  a  leughadh  gun  an  smuain  so  a  dh' 
eirigh  'n  a  inntinn,  gu  robh  ni-eigin  aig  na 
ceud  chreidmhich  a  tha  sinne  an  diugh  air  a 
chall,  no  mux  do  chaill  sinn  e  gu  buileach, 
nach  cluinnear  ann  am  fianuis  na  h -eaglais 
ach  gle  fhann,  aoibhneas  na  slainte. 


PTiill  na  deisciobuil  gu  Jerusalem  le  gaird- 
eachas mor.     (Lucas.) 

Thug  an  sluagh  aire  do  na  nithean  a  labhradh 
le  Philip,  agus  bha  gairdeachas  mor 
anns  a'  bhaile  sin.    [Lucas.) 

Ghabh  iad  am  facal  d'an  ionnsuidh  leis  an 
uile  thogradh.     (Lucas.) 

Bha  na  deisciobuil  air  an  lionadh  le 
aoibhneas  agus  leis  an  Spiorad  Naomh. 
(Lucas.) 

Pailteas  an  aoibhneis  agus  doimhne  am, 
bochdainn  (Pdl). 

Tha  moran  dhaoine  an  diugh  an  dilil  nach 
robh  l^ithean  riamh  ann  cho  trioblaideach 
ris  na  laithean  anns  a  bheil  sinn  beo,  ach 
chan  fhiach  teanntachd  no  amhghar  air  bith 
a  tha  sinne  a'  fulang  a  bhi  air  an  ainmeachadh 
IMmh  ris  na  dh'fhuiling  na  ceud  Chriosduidh- 
ean,  a  bha  air  an  deanamh  mar  shalchar  an 
t-saoghail.  Ach  cha  do  rinn  iad  gearan  no 
ciuchran,  agus  cha  mho  a  chaill  iad  am 
misneach  no  an  dochas,  oir  bha  sith  Dhe 
agus  aoibhneas  a  shlainte  'n  an  cridhe. 

Bha  na  ceud  Chriosduidhean  lorn  agus 
bochd  a  thaobh  moran  nithean  a  tha  againne 
am  pailteas,  nithean  a  tha  sinn  'g  ar  cunntas 
fhein  sona  iad  a  bhi  againh,  ach  bha  iad 
pailt  a  thaobh  nithean  eile  leis  an  d'  thug 
iad  buaidh  air  an  t-saoghal  nach  'eil  sinne 
a'  toirt.  Cha  robh  an  t-airgiod  aca  a  tha 
againn  an  Eaglais  na  h-Alba  an  diugh,  no 
na  h-eaglaisean,  no  na  ministearan  fogh- 
luimte,  no  fichead  rud  eile  a  tha  sinn  an 
dull  nach  maireadh  an  Creideamh  Criosduidh 
beo  as  eugmhais,  agus  idir  idir  cha  robh  dad 
aca  coltach  ris  an  tigh-chuspuinn  a  tha  air 
121  Sraid  Sheorais,  an  Dun-eideann,  ach  an 
uair  a  chuimhnicheas  tu  air  na  nithean  mora 
agus  miorbhuileach  a  rinn  iad,  agus  air  an 
aireamh  dhaoine  a  chuir  iad  ris  an  eaglais 
ann  an  ixine  ghoirid,  gun  airgiod,  gun  togal- 
aichean,  gun  chleirich,  gun  chommittees, 
gun  phropaganda,  chi  thu  nach  e  sin  na 
meadhonan  as  fhe^rr  a  chraobh-sgaoileas  an 
Creideamh    Criosduidh,    ach    aoibhneas    Tia 


SGEUL  AOIBHNEACH  NA  NOLLAIGE 


slainte  a  bhi  ann  an  cridhe  nan  daoine  a 
tha  a'  searmonachadh  .  Mur  do  chuir  deagh- 
sgeul  mhor-aoibhneis  a  tha  iad  ag  innseadJi 
oran  nuadh  'n  an  cridhe  fhein  cha  ruig  iad 
a  leas  duil  a  bhi  aca  gu'n  gabh  daoine  eile 
rithe  le  gairdeachas  air  an  teisteanas-san. 

Bhiodh  an  diadhair  urramach,  an  t-Ollamh 
Seumas  Denny,  ag  radh  gu  bheil  an  Creud 
agus  aa  Soisgeul  cho  aoibhneach  's  nach  ann 
'g  an  aith'ris  a  bu  choir  dhuinn  a  bhith  ach 
'g  an  seinn.  Tha  an  Tiomnadh  Nuadh  air 
theine  leis  an  aoibhneas  a  bha  ann  an 
cridheachan  nan  creidmheach.  Dh'ith  iad 
am  biadh  le  gairdeachas,  a'  nioladh  Dhe.  An 
uair  a  bha  an  duine  bacach  a  bha  ag  iarraidh 
deirce  aig  dorus  an  teampuill  air  a  leigheas, 
tha  Lucas  ag  radh  gu'n  deachaidh  e  a  steach 
do'n  teampull,  a'  leumnaich,  agus  a'  toirt 
cliu  do  Dhia.  An  uair  a  bha  Pol  agus  Silas 
air  an  tilgeadh  am  priosan,  goirt  leis  na 
buillean  agus  an  droch  ghioUachd  a  fhuair 
iad,  sheinn  iad  air  a'  mheadhon-oidhche 
laoidh-mholaidh  do  Dhia.  'S  e  na  Phairisich 
na  h-aon  daoine  mu'm  bheil  e  air  a  radh  anns 
an  Tiomnadh  Nuadh  gu  robh  an  aodainn 
gruamach  agus  dubhach. 

Chan  'eil  aobhar-gairdeachais  air  an  t- 
saoghal  a  ghabhas  coimeas  ri  eolas  fhaotainn 
air  Dia,  agus  is  ann  ann  an  Criosd  a  thug 
Dia  dhuinn  eolas  air  fnein.  Tha  iomadh 
facal  agus  iomadh  samhladh  air  uisneachadh 
anns  a'  Bhiobull  mu'n  fhiosrachadh-anama 
a  thug  aoibhneas  do  dheisciobuil  Chriosd, 
creideafnh,  maitheanas-peacaidh,  saorsa,  rdite, 
iompachadh,  an  Spiorad  Naom,h,  breitfCa  ris, 
ach  tha  iad  uile  a'  ciallachadh  an  aon  ni, 
eolas  air  Dia,  an  t-eolas  a  tha  peacaich  a' 


faotainn  air  ann  an  Criosd,  an  Slanuighear  a 
rugadh  ann  am  baile  Dhaibhidh. 

Deagh-sgeul  mhor-aoibhneis  :  an  e  sin 
cliu  an  t-soisgeil  a  tha  sinn  a'  searmonachadh 
an  diugh  ?  A  bheil  facal  'n  ar  beul  a  ni 
cridhe  an  luchd-eisdeachd  sona,  agus  a  bheir 
orra  an  Tighearna  a  mholadh  ?  A  bheil  sinn 
ag  eigheach  fuasgladh  do  na  braighdean  ? 
Chan  'eil  ann  an  searmonachadh  ach  obair 
dhiomhain  mur  bheil  deagh  sgeul  aig  an 
t-searmonaiche  ri  liubhairt.  Acn  buidh- 
eachas  do  Dhia  tha  sin  againn,  agus  tha  gach 
Nollaig  a  thig  a'  cur  'n  ar  cuimhne  as  ur, 
nach  d'fhag  Dia  sinn  gun  chabhair  no  gun 
dochas,  ach  gu'n  d'thainig  e  dluth  dhuinn  'n 
a  Mhac  gradhach,  an  leanabh  naomh  a 
rugadh  ann  an  staid  iosal  am  Betlehem. 

A  bheil  sgeul  eile  air  an  t-saoghal  cho 
iongantach  no  cho  aoibhneach  ri  gras  an 
Tighearna  losa  Criosd  a  bha  saibhir,  ach  a 
rinn  e  fhein  bochd  air  ar  son-no,  a  chum  tre 
a  bhochdainn-san  gu'm  bitheamaid-ne 
saibhir  ?  longantas  nan  longantasan  gu'm 
biodh  Mac  Siorruidh  Dhe  agus  Dealradh 
gloire  Dhe,  Righ  nan  naomh,  agus  Maise  nan 
neamh,  air  a  dheanamh  bochd  air  ar  son-ne  ; 
air  a  bhreith  ann  am  prasaich  mar  nach  robh 
ann  ach  urra-gun-iarraidh  ;  gun  chrun  aige 
ach  an  crim  droighinn  a  chuir  daoine  gu 
magail  air  a  cheann,  agus  eadhon  gvm  uaigh 
aige  air  a'  cheann  mu  dheireadh  ach  uaigh  a' 
choigrich .!  Sin  agaibh  gras  agus  irioslachd  an 
t-Slanuigheir  bheannaichte  leis  a  bheil  Dia 
a'  briseadh  chridheachan  cruaidh  nach 
gabhadh  briseadh  le  breitheanas  no  le 
buillean  ilird. 

An  doighean  diomhair  gluaisidh  Dia. 


Eilean  mo  Ghaoil 

Eilean  mo  ghaoil, 

Is  caomh  learn  eilean  mo  ghrdidh. 


NA'N  robh  fhios  agam  c'aite  am  faighinn 
duine  d'an  aithne  na  Communists  gu  maith, 
an  teagasg  agus  an  doighean  agus  an  ceann- 
uidhe  a  tha  iad  ag  iarraidh,  agus  a  dh'irtn- 
seadh  dhuinn  gu  ciallach  agus  gu  cothromach 
agus  gun  aitearachd  cainnte  ciod  an  seorsa 
dhaoine  a  tha  annta,  dh'  iarrainn  air  sgriobh- 
adh  umpa  air"  an  duilleig  so,  oir  tha  na 
Communists  an  diugh  'n  am  ball-seanchais 
anns  a  h-uile  aite  an  suidh  daoine  ;  am 
Parlamaid,  an  Cleirean  na  h-Eaglais,  aig 
ceilidhean,  agus  anns  na  paipearan-naidh- 
eachd,  agus  anns  na  comhdhailean  sin  uile 
chan  'eil  air  a  radh  umpa  ach  gur  droch 
dhaoine  iad  agus  daoine  cunnartach.     Ach 


ma  theid  thu  ann  an  seanchas  ri  fear  no  ri 
te  dhiubh  fhein,  no  ma  leughas  tu  am 
propaganda  a  tha  iad  a'  cur  a  mach  ann  an 
leabhrain-bheaga  agus  air  duilleagan  air 
feadh  na  dtithcha,  shaoileadh  tu  gur  iadsan 
na  cairdea(n  as  fhearr  a  tha  aig  luchd-oibre 
an  t-saoghail,  agus  gu  bheil  iad  a'  le'antuinn 
teagasg  Chriosd  a  thaobh  gradh  braithreil 
na's  dliiithe  na  tha  an  Eaglais  a'  deanamh. 
Their  naimhdean  nan  Communists  riut  nach 
'eiliad  a'  creidseiim  ann  an  Dia  no  ann  an 
saoghal  eile,  agus  nach  'eil  dad  'n  am  beachd 
ach  an  cuid  a  thoirt  o  dhaoine  mora  agus  o 
dhaoine  beairteach,  agus  a  roinn  'n  am  measg 
fhein,  an  diiil  gur  e  sin  an  doigh  as  luaithe 


BILEAN  MO  GHAOIL 


air  Linn  na  Saorsa  a  thoirt  a  steach  ;  obair 
aotrum,  uairean  goirid,  paigheadh  maith, 
cadal  fada,  agus  toil-inntinn  gun  sgur. 

Na'n  robh  fhios  agam  c'aite  am 
faighinn  duine  a  b'urrainn  an  fhirinn,  an 
fhirinn  uile,  agus  gun  dad  ach  an  fhirinn,  a 
thoirt  dhuinn  mu  na  Communists,  bhithinn 
taingeil  iarraidh  air  a  dheanamh  air  an 
duilleig  so,  ach  gus  an  tog  an  duine  sin  a 
cheann,  chan  'eil  fodham  ach  cuid  de  na 
nithean  a  bhios  a'  tighinn  'n  am  cheann 
fhein  a  chur  sios,  ged  nach  'eil  mi  a'  gabhail 
orm  gu  bheil  mi  a'  tuigsinn  nan  daoine  so. 

Ged  nach  'eil  baigh  air  bith  agam  ri 
Communists  tha  mi  cinnteach  gu  bheil 
moran  air  a  radh  umpa  nach  'eil  fior,  agus 
gu  bheil  olc  air  a  chur  as  an  leth  nach  do 
rinn  iad.  Na'n  creideadh  tu  na  paipearan- 
naidheachd  cha  mhor  gu  bheil  dad  a'  dol 
cearr  anns  an  t-saoghal  nach  e  na  Communists 
as  aobhar  dha.  Ah  de  fhein  leugh  mi  an 
oraid  a  bha  air  a  liubhairt  ann  an  Lunnainn 
leis  an  Ard-Riaghlair,  Calum  DomhnuUach 
(Socialist  e  fhein  agus  mac  Socialist)  mu 
chor  na  diithcha  ann  am  Malaya,  an  diiil 
gu'n  cuireadh  e  solus  na  bu  ghlaine  na 
gheibh  sinn  o  phaipearan-na-sgillinn  air  na 
nithean  a  tha  a'  tachairt  anns  ai>  diithaich 
mhor  agus  fharsuing  ud  anns  a  bheil  iorghuill 
agus  mort  a'  dol  air  aghaidh  fhathast,  ach 
cha  robh  dad  aige  ri  radh  ach  gu  robh 
muinntir  na  diithcha  siochail  gu  leor  agus 
dileas  do  Bhreatunn,  agus  gur  e  buidheann 
de  Chommunists  a  China  a  bha  deanamh 
an  uilc.  Theagamh  gu  bheil  Sinich  ann  am 
Malaya  a  tha  'n  an  dearg  Chommunists, 
agus  leis  am  bu  mhaith  uiread  uilc  agus 
mUhdh  a  dheanamh  's  a  b'urrainn  dhaibh, 
ach  chan  'eil  mi  a'  creidsinn  gu  bheil  a 
chilis  cho  simplidh  's  a  tha  Calum  Domhnul- 
lach  ag  radh.  Tha  amharus  agam  gu  bheil 
a'  cheart  ghaoth  a'  seideadh  ann  am  Malaya 
a  tha  a'  seideadh  anns  a  h-uile  cearn  eile 
de'n  t-saoghal,  na  h-iochdarain  ag  iarraidh 
a  bhi  'n  an  uachdarain.  Sin  an  galair  gabhailt- 
each  a  tha  a'  sgaoileadh  air  feadh  nan 
rioghachdan  uile  mar  gu'm  biodh  influenza, 
na  h-iochdarain  ag  iarraidh  a  bhi  'n  an 
uachdarain ;  na  coineanan  ag  iarraidh  a 
bhi  'n  an  leomhainn,  agus  na  seotaichean 
ag  iarraidh  a  bhi  'n  an  reitheachan  agus 
'n  an  caoraich-stuic  ;   rud  mi-nadurra. 

Ged  nach  'eil  ann  an  Communism  agus 
ann  an  Socialism  ach  an  t-aon  ni  a  reir 
teagasg  an  Ard-shagairt  a  tha  aca  le  cheile, 
Carl  Marx,  theagamh  gu'n  d'thug  sibh  an 
aire  o  chionn  ghoirid  gu  bheil  barrachd 
grain,  agus  barrachd  eagail  cuideachd,  aig 
na  Socialists  air  na  Communists  na  tha  aca 
air  na  Tories  fhein.    Chan  'eil  mi  a'  tuigsinn 


gu  ro  mhaith  ciod  is  ciall  dha  so,  oir  anns  an 
leabhar-mhor  aig  Carl  M^arx,  a  leugh  mi 
anns  a'  gheamhraidh  an  uiridli,  chan  'eil  e  a' 
deanamh  dealachadh  air  bith  eadar  Socialism 
agus  Communism,  no  eadar  Sociahsts  agus 
Communists  ;  tha  e  a'  cleachdadh  an  da 
fhacail  mar  gu'n  robh  iad  a'  ciallachadh  an 
aon  ni.  Ach  chan  'eil  Mghr  Attlee  agus  na 
cinn  eile  anns  a'  Pharlamaid  de'n  bheachd  so, 
agus  na'n  gabhadh  e  deanamh  gun  dragh, 
gun  bhuaireas,  dh'  iomaineadh  iad  na  Com- 
munists a  mach  as  gach  dreuchd  a  tha  aca 
ann  an  Comhairlean  ghualadairean  agus 
luchd-oibre  eile. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  chan  'eil  mi  a' 
tuigsinn  gu  ro  mhaitn  car  son  a  tha  na 
Socialists  cho  fada.  an  aghaidh  am  fior 
bhraithrean,  na  Communists,  ach  co  dhiubh 
tha  iad  ann,  agus  tha  am  fuath  a  tha  aca 
dhaibh  air  a  chunntas  dha'bh  fhein  mar 
fhireantachd,  oir  tha  moran  dhaoine  a' 
gabhail  misnich  nach  dean  na  Socialists 
cron  do'n  diithaich  o'n  a  tha  iad  cho  trom 
air  na  Communists.  Am  faod  e  bhith  gu 
bheil  cridhe  mhic  an  duine  cho  domhain 
agus  cho  cealgach  's  gur  e  so  aon  de 
na  h-aobharan  gu  bheil  aon  bhrathair  a' 
tionndadh  a  chuil  air  a  bhrathair  eile  ? 

Ach  tha  aobhar  as  fhearr  na  sin  a'  cumail 
nan  Socialists  agus  nan  Communists  o 
cheile  ann  an  Eilean  ar  gaoil,  an  ealain  a  tha 
aig  muinntir  Bhreatuinn  air  riaghlaireachd. 
Chan  'eil  dtithaich  air  an  t-saoghal  anns  am 
biodh  e  cho  duilich  Revolution  a  chur  air 
bhonn  's  a  bhiodh  e  ann  am  Breatunn,  ach 
cha  mho  a  tha  diithaich  air  an  t-saoghal 
anns  am  biodh  e  cho  furasda  do  Revolution 
dol  air  aghaidh  gu  reidh  aon  uair  's  gu'n 
toisicheadh  e.  Cha  d'thainig  e  riamh  ann  an 
inntinn  Carl  Marx  gu'm  b'  urrainn  na  h- 
iochdarain  an  cumhachd  agus  an  ughdarras 
agus  am  maoin  a  thoirt  o  na  h-uachdarain, 
agus  iad  fhein  a  chur  'n  an  aite,  gun  mhort 
agus  m.arbhadh.  Sin  an  teagasg  a  thug  an 
t-Ard-shagart  d'a  luchd-leanmhuinn,  agus  tha 
an  teagasg  sin  air  a  thoirt  do  na  Communists 
anns  a'  ghineal  so  fhein,  gu'm  feum  iad  a 
bhi  laidir  agus  dol  troimh  theine  agus  full  a 
ghearradh  sios  an  duine  no  na  daoine  a  tha 
a'  seasamh  eadar  iad  agus  a'  chathair- 
riaghlaidh.  Ach  fhuair  na  Socialists  ann  am 
Breatunn  a  mach  nach  ruigeadh  iad  a  leas 
tapaid  a  dheanamh  no  fuil  a  dhortadh  ; 
gu'n  deanadh  bocsa-an-taghaidh  na  bha 
dhith  orra.  gu  reidh  samhach,  a  chionn  gu 
bheil,  agus  gu'm  bi  gu  brath,  na  h-iochdarain 
na's  lionmhoire  na  na  h-uachdarain.  Cho 
fad  's  a  tha  bocsa-an-taghaidh  air  a  chumail 
ann  an  urram  agus  ann  am  meas  an  t- 
sluaigh  cha  tig   calldachd   air  an  diithaich 


EILEAN  MO  GHAOIL 


nach  gabh  leasachadh,  a  chionn  gu  bheil  ttir 
agus  misneach.  agus  rian  agus  aeo-eisiomail- 
eachd  aim  am  muintir  Bhreatuinn,  agus 
ealain  aca  air  iad  fhein  a  riaghladh.  Chuir 
iad  a  stigh  Gladstone  agus  chuir  iad  a  mach. 
e  ;  chuir  iad  a  stigh  Lloyd  George  agus  chuir 
iad  a  mach  e  ;  chuir  iad  a  stigh  Winston 
Churchill  agus  thilg  iad  a  mach  e  le  plub  a 
chualas  o  Mhoscow  gu  New  York  ;  agus 
ma  tha  Mghr  Attlee  cho  ghc  's  a  tha  mise 
a'  creidsinn  a  tha  e,  tha  mi  cinnteach  gu'm 
bi  e  air  uairean  a'  smuatneachadh  air  a 
ehrich  dheireannaich  fhein.  Ach  c6  a 
chu'reas  a  mach  Stalin  ? 

EUean  mo  ghaoil, 

Is  caomh  leam  eilean  mo  ghr^idh. 

Tha  mi  a'  faicinn  anus  na  paipearan- 
naidheachd  gu  bheil  deasbud  aca  ann  an 
cuid  de  Chleirean  na  h-eaglais  mu  na  Com- 
munists, ach  chan  'eil  iad  a  dh'aon  inntinn 
ciod  a  ghabhas  deanamh.  Bu  d^na  dhomhsa 
a  chuir  dhiom  mu  chuing  agus  m'  acfhuinn 
bruidhinn  air  a'  chtiis  sin  ri  daoine  a  tha  fo 
theas  agus  uallach  an  latha,  ach  tha  mi  an 
dull  nach  urrainn  an  eaglais  dad  a  dheariamh 
ach  leantuinn  oirre  air  teagasg  an  Tiomnaidh 
Nuaidh  gu  tuigseach,  agus  air  Criosd  a 
shearmonachadh  'na  ciibaidean,  agus  dol 
'n  a  ainm  do  dhachaidhean  an  t-sluaigh  gun 
sgur  gun  sgitheachadh. 

Tha  droch  fhasan  air  tighinn  a  steach 
do'n  eaglais  o  chionn  bhhadhnachan,  a  bhi 
roinn  dhaoine  'n  am  buidhnean,  'g  an  cur 
ann  am  fang  dhaibh  fein,  agus  an  sin  ag 
radh,  Ciod  a  ni  sinn  riu,  no  ciod  a  bheir 
sinn  dhaibh  ? 

Ciod  a  ni  sinn  ris  an  6igridh  ?  : 

Ci©d  a  ni  sinn  ri  giUean  a'  chogaidh  ? 
Ciod  a  ni  sinn  a  nis  ris  na  Communists  ? 

Cha  b'urraihn  an  eaglais  dad  as  miosa  a 
chur  'n  an  cinn  na  gu  bheil  iad  dealaichte  o 
dhaoine  eile,  no  gu  bheil  iad  feumach  no 
airidh  air  biadh,  no  aire,  no  ciobaireachd, 
nach  'eil  an  trend  uile  a'  faotainn.  Mar  sin 
cha  bhiodh  ann  ach  cosd  cainnte  agus  call 
hine  a  bhi  dealbh  innleachdan  agus  ribeachan 
a  dh'fhaotainn  greimair  na  Communists,  oir 
mm"  faigh  ministear  ann  an  daimh  dhliith 
agus  chairdeil  riu  'n  an  dachaidhean  fhein 
chan  fhaigheadh  e  greim  orra  ged  thigeadh 
caraid  de  Mhuinntir  I  'ga  chuideachadh,  no 
Commando  de  mhinistearan  a  Glaschu,  no 
duilleagan  agus  dealbhan  o  121  Sr^id 
Sheorais. 


Tha  fhios  agam  nach  'eil  na.  Communists 
gaolach  air  an  eaglais  agus  nach  bi  mofan 
dhiubh  a'  dol  innte,  ach  chan  iad  an  aon 
fheadhainn  nach  bi  a'  dol  do'n  eaglais  anns 
na  l^ithean  so,  agus  cha.  bhiodh  e  ceart  a 
r^dh  gu  bheil  iad  uile  'n  an  luchd-aicheadh 
Dhe.  Bidh  cuid  dhiubh  ag  r^dh  rium  gur 
e  iadsan  a  tha  a'  leantuinn  teagasg  Chriosd 
agus  nach  e  sinne.  Tha  te  dhiubh  a  bhios  a' 
feuchainn  ri  m'iompachadh  agus  Communist 
a  dheanamh  dhiom,  agus  is  ann  daonnan  air 
bhonn  a'  bhrMthreachais  agus  na  criosdal- 
achd  a  bu  choir  a  bhi  anns  an  eaglais  a  bhios 
i  'ga  chur.  Tha  sinn  a'  dol  do'n  aon  eaglais, 
agus  chan  'eil  duine  eile  anns  an  eaglais  as 
dichioUaiche  ann  an  oibre  maithe  agus  ann 
an  saothair  a  ghraidh  na  bhan-Chommunist 
ud.  Tha  fhios  agam  nach  dean  aon  uiseag 
samhradh,  ach  na'n  rachadh  tu  a  mach  do 
na  h-EUeanan  an  lar  gheibheadh  tu  gu 
leor  a  dh'uiseagan  a  tha  'n  an  Communists, 
daoine  laghach  agus  daoine  diadhaidh  oach 
deanadh  cron  no  foill  air  duine  eile,  ach  a 
sheasadh  air  taobh  nan  Communists  a  chionn 
gu  bheil  iad  a  lan-chreidsinn  no  a  leth- 
chreidsinn  an  fhacail  mheaUtach  a  tha 
daonnan  air  am  bilean  agus  air  am  brataich- 
ean,  gur  iadsan  cairdean  an  duine  bhochd. 

Tha  creud  gun  onoir  gun  iochd  aig  Cinn 
nan  Communists,  agus  dh'innis  iad  uiread 
bhreugan,  agus  rinn  iad  uiread  uile  anns  an 
t-saoghal  cheana,  's  gu'm  bu  choir  do  dhaoine 
aig  a  bheil  gaol  air  an  duthaich  cur  'n  an 
aghaidh  mar  a  chuireadh  iad  an  aghaidh 
Shatain.  Ach  tha  ear  ball  de  dhaoine 
socharach  'g  an  leantuinn  anns  gach  tir, 
nach  'eil  olc  no  ain-diadhaidh,  nach.  'eil  a' 
smuaineachadh  air  an  creud  no  air  an  creid- 
eamh  no  air  rud  air  bith  eile,  ach  am  hochdainn 
fhdin.  Tha  iad  a'  faicinn  uiread  chomh- 
arraidhean  air  saibhreas  is  soghaltachd  naii 
uachdaran  's  gu  bheil  am  bochdainn  fhein  'g 
an  cur  ion  's  air  a'  chuthach  ;  a'dtisgadh  'n 
an  cridhe  farmad,  agus  sannt,  agus  miorun, 
agus  naimhdeas,  na  ceithir  nithean  as  luaithe 
a  thruailleas  cridhe  duine  agus  a  chlaonas  a 
thuigse. 

Chan  'eil  doigh  as  fhe^rr  air  tilleadh  a 
thoirt  do  na  Communists  na'n  doigh  a  tha 
Breatunn  a'  gabhail,  cor  an  t-sluaigh  a 
mhathachadh. 

Eilean  mo  ghaoil. 

Is  caomh  leam  eilean  mo  ghraidh. 


Leabhar  Aithghearr  Nan  Ceist 

Leis  an   Urramach  T.  M.  MacCalmain,  M.A.,  Glaschu. 


TRI  cheud  bliadhna  air  a  is,  ann  an  1648, 
chuireadh  a  mach  an  toiseach  "  Leabhar 
Aithghearr  nan  Ceist,"  leabhran  aig  an 
robh  barrachd  buaidh  na  leabhar  sam  bith 
eUe  (a  mach  o'n  Bhiobull  fhein)  air.beachdan 
is  beusan  sluagh  na^h-Albann  suas  gus  an 
linn  seo  fhein.  Is  cubhaidh  cuimhne  tirach- 
adh  air  an  leabhran  iomraideach  seo  agus 
orra-san  a  thug  dhuinn  e,  araon  am  Beurla 
agus  an  Gaidhlig. 

Gred  a  fhuair  Leabhar  Aithghearr  nan 
Ceist  aite  is  urram  an  Albainn  nach  d'fhuair 
e  an  duthaich  sam  bith  eile,  agus  ged  a 
tha  an  saoghal  uile  (dh'fhaodamaid  a  radh) 
ag  amjiarc  air  mar  leabhran  Albannach, 
b'ann  an  Sasainn  agus  le  Sasannaich  a 
chaidh  a  chur  ri  cheile. 

Is  e  linn  tipraideach,  buaireasach,  a  bha 
anns  an  t-seachdamh  linn  deug,  chan  ann 
a  mhain  anns  an  diithaich  seo  ach  air  feadh 
na  h-E6rpa  gu  h-iomlan.  B'ann  anns  an 
linn  roimhe  a  tha  chair  Ath-leasachadh  m6r 
na  h-Eaglaise  fo  threorachadh  nan  eeann- 
iuil  ainmeil,  M^rtainn  Luther  anns  a' 
GhearmaOt,  Iain  Calvin  ann  an  Switzerland, 
agus  Iain  Knox  ann  an  Albainn,  is  feadhainn 
eile.  Ach  cha  robh  obair  an  Ath-leasachaidh 
criochnaichte  no  coimhlionta  ann  an  aon 
ghinealach  no  ann  an  aon  linn.  Chuireadh 
ctil  ri  smachd  is  mearachdan  na  Roimhe, 
ach  bha  moran  cheistean  cudthromach 
fhathast  ri  am  fuasgladh,  agus  ann  am 
fuasgladh  nan  ceistean  sin  agus  ann  an 
reiteachadh  nan  eu-c6rdaidhean  sin,  chleach- 
dadh  chan  e  mh^in  deasbud  beoil  ach 
faobhar  claidheimh.  Anns  an  Roinn-Eorpa 
bha  cogadh  sgriosail  a  mhair  deich  bliadhna 
fichead,  agus  ann  am  Breatainn  bha  iomadh. 
cath  is  comh-stri — Righ  is  Parlamaid  an 
aghaidh  a  cheile,  a'  mhuinntir  chleireil  an 
aghaidh  na  muinntir  easbuigich,  agus  iomadh 
seorsa  eile  a'  togail  an  guth  's  ag  cur  ris  an 
\ipraid. 

Thachair  anns  a'  bhliadhna  1643  gu 
robh  moran  dhaoine  am  Breatainn  de'n 
bheachd  gum  b'fheairrde  na  tri  rioghachdan 
— Sasainn,  Alba,  is  Eirinn- — -nam  biodh 
an  aon  rian-riaghlaidh  agus  an  aon  aidmheil 
aca  air  feadh  nan  tri.  Bha  e  air  a  shaoilsinn 
gun  gabhadh  aontachadh  air  comh-bhonn 
coitcheann  a  chuireadh  crioch  air  na  h- 
aimhreitean  agus  a  neartaicheadh  na  h- 
eaglaisean  ath-leasaichte  fa  chomhair  cumh- 
achd  is  innleachd  Eaglais  na  Roimhe,  agus  i 


a  nis  air  eirigh  air  a  casan  a  rithist  an  deidh 
nam  buiUean  agus  nam  brisidhean  a  dh  fhuU- 
ing  i  anns  an  linn  roimhe. 

Mar  sin,  anns  a'  bhliadhna  ud,  rimaich 
Parlamaid  Sliasaijan  gum  biodla  comh-thional 
de  dhiadhairean  foghluimts  ag  cruinneachadh 
air  a'  cheud  latha  de'n  luchar  gus  beach - 
dacbadh  air  rian-riaghlaidh  is  doigh-aoraidh 
is  aidmheil  na  h-eaglaise  ann  an  Sasainn. 
Chaidh  ceud  is  da  fhichead  is  a  h-aon 
deug  de  dhaoine  foghluimte  agus  diadbaidh 
a  ghairm  do'n  choinneamh,  mhoir  seo,  ach 
thachair  gti  robh  an  Righ  (Te^rlach  a 
h-Aon)  agus  a'  Pharlamaid  a  mach  air  a 
cheile  aig  an  am  agus  dh'fheucb  esan  ri 
bacadh  a  chur  air  a'  choinneam.h.  Ach,  a 
dh'aindeoin  toirmeasg  The^rlaich,  chruinnicb 
iad  mar  a  dh'iarradh  orra.  Dh'fhan  na 
"  Rioghalaich  "  (iadsan  a  bha  air  taobh  an 
righ)  air  falbh,  'nam  measg  an  diadhair 
ainmeil  Ard-easbuig  Ussher. 

Cha  robh  na  diadhairean  fada  cruinn  an 
lar-mhinster  an  uair  a  chuir  iad  fios  gu 
Ard-sheanadh  Eaglais  na  h-Alba  a  dh'iarraidh 
orra  riochdairean  a  chur  sios  g'an  cuideach- 
adh  anns  an  obair  chudthromaich  a  bha 
rombpa.  Rinneadh  sin,  is  thaghadh  coignear 
mhinisteran  agus  triiiir  eildearan  gu  bhith 
'nam  buill  de  chomh-thional  nan  diadhairean 
an  lar-mhinster  {Westminster  Assembly  of 
Divines,  mar  a  theireadh  riutha  anns  a' 
Bheurla).  B'iad  seo  na  riochdairean  Alban- 
nach :  Alasdair  MacEanraig  (Ard-cheann 
Oilthigh  Dhiin-eideann),  Raibeart  Bailidh 
(Ard-cheann  Oilthigh  Ghlaschu),  Somhairle 
Rutherford  (Ard-cheann  Colaisde  na  Diadh- 
atreachd  an  Cille-Rimhinn),  Ssoras  MacGill- 
easbuig  (ministear  Ard-eaglais  Dhim-eideann) 
Raibeart  Diibhghlas,  agus  comhla  ris  na 
ministearan  sin  triuir  eUdearan  —  larla 
ChassUis,  am  Morair  Maitland,  agus  an 
Ridire  Gilleasbuig  Maclain,  Warriston. 

An  taobh  a  stigh  de  bhliadhna  an  deidh 
do'n  Ard-sheanadh  gabhail  ri  Leabhar  Aith- 
ghearr nan  Ceist  rtmaich  Seanadh  Earra- 
ghaidheal  a.  chur  an  GaidhHg  agus  thagh 
iad  seachdnar  mhinistearan  a  bha  'nan 
sgoilearan  maithe  Gaidhlig  a  chum  sin  a 
dheanamli.  An  ceann  da  bhliadhna  eile- 
.  cha  robh  fathumi  air  an  obair  a  bhith  deanta, 
agus  mar  sin  dh'iarradli  air  dithis  mhinis- 
tearan— Eoghann  Camshron  (Miroistear  Dhiin- 
Obhainn)  agus  Dughall  Caimbeul  (Ministear 
Chnapadail) — dol  an  ceann  na  h-oibre.   Rinn, 


6 


LEABHAR  AITHGHEARR  NAN  CEIST 


iad  sin  gu  sgiobalta,  agus  am  beagan  uine 
chriochnaicheadli  an  t-eadar-theangachadh 
agus  ghabhadh  ris  ann  an  1652. 

Aig  an  am  ud  bhuineadh  Cleir  an  Eilein 
Sgitheanaich  do  Sheanadh  Ean:a-gh  aid  heal, 
agus  bha  a'  Chleir  sin  ag  gabhail  a  steach 
Innse-Gall.  Thachair  nacJi  robh  gin  de 
mhinistearan  na  cleire  sin  an  lathair  aig 
coinneamh  an  t-Seanaidh  an  uair  a  ghabhadh 
ris  an  eadar-theangachadh  a  rinn  an  Camsh- 
ronach  agus  an  Caimbeulach.  Ach  an  ath 
bhliadhna  rainig  triuir  dhiubh  ccinneamh  aa 
t-Seanaidh,  agus  nach  ann  a  bha  dithis  dhiubh 
(Aonghas  MacCuinn,  ministear  Uibhist  a 
Tuath,  agus  fear  Niall  MacCuinn)  air  eadar- 
theangachadh  Gaidhlig  an  urra  a  dheanamh 
air  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist.  Dh'aon- 
taicheadh  an  da  eadar-theangachadh  sin  a 
choimeas  ri  eadar-theangachadh  an  t- 
Seanaidh,  agus  dh'earbadh  ri  Eoghann 
Camshron,  Niall  MacFhionghuin  agus 
Aonghas  MacCuinn  sin  a  dheanamh.  'S  e 
bheuil  a  bh'ann  guj  e  eadar-theangachadh 
a'  Chamshronaich  agus  a'  Chaimbeulaich, 
le  bsagan  ceartachaidh  a  reir  na  dha  eile, 
a  ghabhadh,  agus  mar  sin  chaidh  Lsabhar 
Aithghearr  nan  Ceist  ann  an  Gaidhlig  a 
chlo-bhualadh  an  Dim-eidoann  anns  a' 
bhliadhna  1653.  Bha  da  mhile  leth-bhreac 
anns  a'  cheud  chlo-bhualadh  ach  cha  b'fhada 
a  bha  an  aireamh  sin  'gan  sgapadh  air 
feadh  na  G^idhealtachd  agus  nan  Eilean. 
Ann  an  ochd  miosan  deug  cha  robh  aon 
air  fhagail,  agus  chan  aithne  dhomhsa  gu 
bheil  lorg  an  diugh  air  fiii  aon  leth-bhreac 
de'n  cheud  chlo-bhualadh  sin.  Nam  faighte 
aon  dhiubh,  b'fhiach  e  suim  mhor  airgid. 
Fad  uine  mhoir  's  ann  a  bha  teagamh  anns  a' 
chilis  CO  dhiubh  bha  no  nach  robh  Leabhar 
Aithghearr  nan  Ceist  an  Gaidhlig  air  a 
chur  an  clo  roimh  an  bhliadhna  1659. 

Tha  e  coltach  nach  robh  ministearan 
Cleir  an  Eilein  Sgitheanaich  idir  idir  toil^chte 
nach  do  ghabhadh  ris  an  eadar-theangachadh 
aca  fhein,  agus  a  dh'aindeoin  barrachd  is 
aon  achmhasan  o'n  t-Seanadh  lean  iad 
ag  craobh-sgaoileadh  eadar-theangachaidh- 
ean  an  da  MhicCuinn. 

Ann  an  1659  chuir  Seanadh  Earra-ghaidh- 
eal  a  mach  an  dara  clo-bhualadh  de  Leabhar 
Aithghearr  nan  Ceist  comhla  ris  A'  Cheud 
Chaogad  de  na  Sailm  am  meadrachd  Gaidhlig. 
De'n  chlo-bhualadh  seo  chan  'eil  air  forfhais 
a  nise  ach  a  tri,  agus  de  na  tri  tha  aon  an 
leabhar-lann  Eaglais  na  h-Alba  an  Dun- 
eideann,  agus  aon  eile  an  leabhar-lann  na 
h-Eaglais  Saoire  anns  a'  bhaile  cheudna. 

Is  e  seo  an  tiotal  a  bha  air  Leabhar  nan 
Ceist  an  Gaidhlig  an  toiseach,  "  Foirceadul 
Aithghearr  Cheasnuighe,"  agus  b'e   seo  an 


treas  leabhar  a  chaidh  a  chur  an  clo  anns 
a'  Ghaidhlig.  B'iad  a'  cheud  dha  "  Foirm 
nan  Urnuigh  "  le  Iain  Knox  air  eadar- 
theangachadli  le  Eoin  Carsuel  (an  1567) 
agus  Leabhar-ceasnachaidh  Chalvin  air  eadar- 
theangachadh  leis  a'  Charsalach  mhor  cuid- 
eachd  (an  1631). 

F'am  chomhair  tha  leth-bhreac  a  thainig 
a  mach  an  1751  agus  is  e  seo  an  Roimh-radh 
no  am  Facal-toisich  a  tha  ann  (le  beagan 
atharrachaidh  air  an  litreachadh  a  reir 
gnaths  an  1^  an  diugh)  : 

"  A  Leughthora,  Mar  a  rinn  an  gradh 
a  bha  againn  do  phobuU  an  Tighearna,  a  tha 
ag  gnathachadh  na  teanga  GaidhHg,  sinne 
a  bhrosnachadh  air  tiis  chum  an  Catachiosma 
Aithghearr  seo  a  tharraing  as  a'  Bheurla 
dhaibh  ;  is  amhluidh  a  bhrosnaich  an  run 
ceudna  sini  roimhe  seo  tuilleadh  de  na 
leabhraibh  sin  a  bhualadh  an  clo  an  dara 
h-uair  le  caochladh  beag  air  cuid  de  na 
foclan  a  tha  sa'  cheud  Translasion.  Oir 
chan  e  mhain  gu  robh  na  leabtiair  an  uair 
sin,  m.ar  a  tha  iad  a  nise,  ro  ghann,  ach  mar 
an  ceudna  dh'aithnich  sinn  le  gnathachadh 
nan  leabhar  a  bha  againn  gu  robh  an  ceud 
Translasion  sin  cruaidh  air  a'  phobull  agus 
do-thuigse,  do  bhrigh  gun  do  lean  sinn  ro 
theann  ris  a'  Bheurla  ;  is  amhluidh  a  nis 
ataid  air  am  bualadh  an  clo  an  seasadh 
siathamh)  uair  agus  nas "  so-thuigse  na 
a'  cheud  uair  gu  mor  le  beagan  caochlaidh. 
Uime  sin,  a  Leughthora  Chriosduidh,  gabh 
misneach  chum  an  leabhar  seo  a  thainig 
a  nis  a  mach  a  ghnathachadh  le  dicheall 
anns  a  bheil  cinn  araid  a'  Chreidimh  Chrios- 
duidh air  an  cur  sios  gu  h-aithghearra  iomlan, 
oir  '  Is  i  seo  a'  bheatha  shuthain,  eolas  a 
bhith  againn  air  Dia  is  air  a  mhac,  losa 
Criosd  '  (Eoin  xvii.  3).  Agus  guidh  thusa 
air  an  Tighearna  seo  a  bheannachadh  mar 
mheadhon  araid  chum  eolas  soisgeul  Chriosd 
a  chraobh-sgaoileadh  anns  na  criochaibh 
Gaidhealacha.     Gras  m.aille^riut." 

Is  iomadh  uair  a  chaidh  Leabhar  Aith- 
ghearr nan  Ceist  a  chlo-bhualadh  as  ur 
anns  a'  GhaidhHg,  agus  is  trie  a  rinneadh 
tomhas  ceartachaidh  air  an  eadar-theangach- 
adh agus  gu  sonraichte  air  litreachadh  nam 
facal.  Aig  deireadh  an  ochdamh  linn  deug 
chuir  an  S.P.C.K.  (A'  Chuideachd  Urramach 
chum  Eolas  an  t-Soisgeil  a  Chraobh-sgaoil- 
eadh) a  mach  ceartachadh  fo  laimh  an 
Ollaimh  Tomas  Fleming,  aon  de  mhinistearan 
Dhun-eideann  ;  chuireadh  a  mach  ceartach- 
aidhean  eile  leis  an  fheadhainn  a  leanas— 
Seumas  Ma  cGUle-mhoire  '(maighstir-sgoile  an 
Drochaid  MhicEoin)  an  1800,  Gilleabart 
MacDhomhnaill  (maighstir-sgoile  an  D^n 
eideann)  an  1816,  an  t-OUamh  Tomas  Ros 


LEABHAR  AITHGHEARR  NAN  CEIST 


(ministear  Sgir  Loch-Bhraoin)  an  1820, 
an  t-OUamh  Alasdaix  Beith  (a  bha  'na 
mhinistear  an  Gleann-Eilge)  an  1826,  an 
t-Ollamh  Iain  Donihnallach  ("  Domhnallach 
Mor  na  Toisigheachad ")  an  1829, 
an  t-Ollamh  Iain  Mac  a'  Ghobhann  (a 
bha  an  Ceann-loch  Chill-Chiarain),  agus 
an  t-Urramach  Ailean  Mac  na  Ceardaidh 
(ministear  na  h-Eaglaise  Saoire  anns  a' 
Cheann-mhor)  an  1881.  Ann  an  cuid 
dhiubh  sin  bha  dearbhaidhean  bho  na 
sgriobturan. 

Bha  comh-thional  nan  diadhairean  cruinn 
an  lar-mhinster  fad  sbia  bliadhna  (1643 
gu  1649),  ach  lean  comhairle  dhiubh  air  son 
tri  bliadhna  eile  (gu  1652).  Ann  an  coig 
gu  leth  bliadhna  chriochnaich  iad  a'  mhor- 


chuid  de'n  obair,  agus  gu  dearbh  bu  mhor 
's  bu  chudthromach  an  obair  sin,  agus  mar 
thoradh  air  an  saothair  dh'fh^gadh  againn 
Leabhar  Aidmheil  a'  Chreidimh,  Leabhar- 
seolaidh  an  Aoraidh  FhoUaisich,  an  Leabhar- 
ceasnachaidh  Farsaing,  agus  Leabhar  Aith- 
ghearr  nan  Ceist,  agus  (faodaidh  sinn  a 
r^dh  cuideachd)  na  Sailm  ann  am  meadrachd 
Beurla. 

Cha  b'ann  gun  dragh  's  gun  chonnspoid  a 
rinn  iad  an  obair  sin  uile,  agus  tha  ounntas 
mionaideach  againn  air  na  coinneamhan  's 
na  deasbudan  a  bh'aca.  Bha  aireamh 
sheorsachan  is  bhuidhnean  'nan  measg,  ach 
bha  iad  uile  aonaichte  ann  a  bhith  gabhail 
ri  Facal  Dhe  mar  an  aon  riaghailt  air  ciod 
as  coir  a  chreidsinn  agus  a  dheanamh  ann 
an  eaglais  Chriosd. 


{Ri  leantuinn). 


Aig  an  Uinneig 


Aonghus  Mac  Dhonnchaidh 

BHO  thainig  e  as  an  Eilean  Sgitheanach  do 
Ghlaschu  'n  a  bhalaoh  6g,  a  dh'iarraidh  an 
fhortain,  mar  a  rinn  iomadh  balach  Gaidh- 
ealach  a  bha  roimhe  agus  a  bhios  'n  a  dheidh, 
bha  guth  agus  labhairt  aig  Aonghas  Mac 
Dhonnchaidh  a  bheireadh  air  daoine  seall- 
tuinn  air  da  uair.  Bha  gaol  aige  air  a 
dhiithaich  agus  air  a  dhaoine  agus  air  an 
canain,  agus  fhuair  e  Ian  chothrom  ann  an 
Ceilidh  nan  Gaidheal  air  an  deasboirea  chd  a 
bha  cho  nadurra  dha  a  chur  an  cleachdadh 
ann  an  caonnagan-cainnte  ris  na  seaun 
laoich  nach  maireann,  Niall  Mac  Ghill- 
eathain,  Eachann  Mac  Phaidein,  Iain 
Bannerman,  Snodgrass,  agus  feadhainn  eile 
de'n  ghineal  sin  air  nach  'eil  cuimhne  agam. 
Cha  robh  gin  dhiubh  a  bu  chuimsiche  a 
thilgeadh  maghar  os  cionn  an  eisg  a  bha  e 
air  son  dubhan  a  chur  'n  a  shroin  na  Aonghus 
Mac  Dhonnchaidh ;  na'm  biodh  an  deas- 
boireachd  a'  fas  cadalach  agus  trom,  cha 
luaithe  a  dh'eireadh  Aonghus  na  thigeadh 
an  ceilidh  beo,  agus  leth-dusan  dhiubh  a' 
leum  air  an  casan,  ag  iarraidh  chuige  air  son 
rudeigin  a  thubhairt  e.  Bha  salann  agus 
snaoisean  'n  a  sheauchas  dionnan,  agus  ged 
nach  abrainn  gu  robh  teine  an  t-soluis- 
bhuain  'n  a  eanchainn  bha  srad^gan  a'  leum 


as  gun  sgur,  chan  ann  idir  a  tobar  a  chuimhne 
air  nithean  a  chuala  no  leugh  e,  ach  a  tobar  a 
mhac-meanmain  fhein. 

Tha  mi  an  dull  gur  ann  le  sgriobhadh  a  bha 
e  a'  faotainn  a  bheoshlaint  ann  an  tiis  a 
laithean,  ach  chan  'eil  ami  an  Litreachas  ach 
ban-mhaighstir  chruaidh,  agus  feumaidh 
gu'n  robh  a'  bheoshlaint  air  uairean  gu 
maith  lom.  Ach  ged  bha  am  for  tan  fada 
gun  tighinn  thainig  e  mu  dheireadh,  agus 
chan  e  mhain  gu'n  d'thug  e  saorsa  dha  o'n 
ramh,  no  o'n  chuing  a  tha  cosnadh  ar  n-ara:n 
laitheil  a'  cur  oirnn  uile,  ach  thug  e  cothrom 
dha  air  aobharan  anns  an  robh  e  a'  creidsinn, 
agus  daoifie  a  bu  toigh  leis,  a  chuideachadh  ; 
an  toileachadh  as  buaine  as  urrainn  airgiod  a 
thoirt  do  dhuine.  Chuir  e  a  mhaoin,  a  reir  na 
leugh  mi  anns  na  paipearan-naidheachd,  gu 
deagh  bhuil. 

Bha  e  'n  a  Cheann-suidhe  air  a'  Chomunn 
Ghaidhealach  fad  choig  bliadhna,  ma's 
maitn  mo  chuimhne,  agus  ged  nach  cuala 
mi  ach  dha  no  tri  de  na  h-6raidean  a  liubhair 
e  aig  a'  Mhod,  b'e  aon  dhiubh  sin  oraid  a 
b'fhearr  a  chuala  mi  riamh  aig  a'  Mhod,  le 
greis  agus  riomhadh  'n  a  chainnt  nach 
b 'urrainn  neach  eile  a  chur  innte  ach  e  fhein. 
An  uair  a  bhios  daoine  eile  a'  labhairt  bidh 
iad  taingeil  an  casan  a  bhi  air  an  talamh  air 


AIG  AN  UINNEIG 


eagal  gu'n  tuit  iad,  ach  bha  Aongbus  Mac 
Dhonnchaidh  cho  cinnteach.  as  fhein.  's  nach 
robh  eagal  air  an  talamh  fhagail,  agus  dol 
air  iteig  suas  do'n  iarmailt  air  sgiathan  a 
mhac-meamain  fhein ;  rud  cunnartach,  ach 
gu  fortanach  tha  an  iarmailt  farsuing. 

Bha  lamh  aige  o  thoiseach  gu  deireadb  a 
l^ithean  anns  gach  oidhirp  a  bha  Gaidheil  a' 
deanamh  a  chumail  beo  c^nain  agus  litreachas 
ar  duthcha,  agus  chan  'eil  ionghnadh  gu  robh 
^ite-toisich  aige  anns  an  obair  sin,  oir  bha  e 
a'  creidsinn  le  uile  chridhe  nach  'eil  rud  air  an 
t-saoghal  as  luachmhoire  na'n  dileab  a 
dh'fhag  ar  n-athraichean  againn  ann  an 
seana-litreachas,  sean-fhoghlum,  agus  sean- 
oilean  nan  Gaidheal.  An  uair  a  bhiodh.  e 
a'bruidhinn  uime  so  aig  a'  Mhod  no  cruinn- 
eachadh  eile  chan  ann  ri  boilich  no  bostruinn 
a  bhitheadh  e,  mar  a  bhios  cuid  eile  de 
Ghaidheil  ghlagadach,  ach  a'  labhairt  le 
eud  agus  eolas  a  pailteas  a  chridhe. 

Thug  an  saoghal  dha  ciiid  mhaith  de  na 
nithean  a  riaraicheas  cridhe  an  duine,  bean 
agus  teaghlach  a  dh'ioc  maith  dha  re  uile 
laithean  a  bheatha,  dachaidh  shona,  beosh- 
l^int  phailt,  gean-maith  a  luchd-diithcha, 
agus  deagh-sheasamh  am  fianuis  an  t- 
saoghail,  ach  mur  bheil  mi  meaUta  'n  am 
bharail,  tha  mi  an  dtiil  nach  biodh  cupan  a 
shonais  Ikn  mur  biodh  dochas  aige  gu'm  bi 
cuimhne  bhuan  air  mar  bh^rd. 

Sgriobh  e  cuid  mhaith  an  rosg  agus  an 
ranntachd,  agus  cha  do  sgriobh  e  riamh  a  on 
sreath  air  nach  'eil  dath  na  h-inntinn  aige 
fhein,  air  chor  agus  nach  'eil  dad  'n  a  obair  a 
tha  maol  no  breoite.  Bha  lasair  'n  a  inntinn 
nach  leigeadh  leis  a  bhi  sgitheil  no  baoghalta, 
agus  tha  cuid  de  na  h-orain  agus  na  luinn- 
eagan  a  sgriobh  e  anns  a  bheil,  chan  e  mhain 
grinneas  agus  ceol,  ach  f  ior  anail  na  bardachd. 

Tha  fhios  agam  gle  mhaith  nach  robh  am 
meas  a  tha  agamsa  air  simplidheachd  aig 
Aonghus  Mac  Dhonnchaidh,  agus  mar  sin 
chan  abair  mi  dad  mu  Chnoc  an  Fhradhairc, 
ach  an  uair  a  chuireas  na  sgoilearan  oga 
ceann  ann  am  Faclair  G^idhlig  iir,  gheibh 
iad  anns  an  Ogha  Mhor  agus  ann  an  Cnoc 
an  Fhradhairc  meinn  oir. 

Lachlann  Caimbeul 

Duine  glic  agus  duine  gaolach  agus  duine 
iriosal  a  bha  daonnan  air  cheann  a  ghnoth- 
uich,  a'  deanamh  maith  gu  samhach,  agus 
'ga  chumail  fhein  as  an  t-sealladh. 

Shiubhail  e  ann  an  October  an  taobh  a 
mach  de  Lunnainn,  far  an  robh  e  ag  obair  o 
bha  e  'n  a  ghille  og.  Tha  mi  an  dtiil  gur  ann 
do  Bhaile-chaolais  a  bhuineadh  e,  ach  co 
dhiubh  bha  Gaidhlig  aige,  agus  bha  e  'n  a 
charaid   maith   do   Ghaidheil   a   bha    'n   an 


coigrich  ann  an  Lunnainn,  scan  is  6g.  Ach 
is  e  an  t-aobhar  gu  bheil  mi  a'  deanamh 
iomraidh  air  anns  na  duilleagan  so,  gur 
h-esan  an  cW-taice  a  bu  laidire  a  bha  aig 
an  t-seirbhis  Gh^idhlig  a  tha  air  a  cumaU 
suas  an  Eaglais  Cuirt  a'  ChrtiiQ,  an  Lunnainn, 
uair  's  a'  mhios.  Chruinnich  e  airgiod  a 
chumas  na  seirbhisean  sin  air  aghaidh  an 
deidh  dha  fhein  a  bhi  marbh.  Tha  gu  leoir 
de  dhaoine  a  bhios  a'  toirt  Gh^idheal  comhla 
do  Cheilidh,  no  do  Chuirmean  ciiiil,  no  do 
Chruinneachadh  eile  de'n  t-seorsa  sin,  ach 
's  e  Lachlann  Caimbeul  an  aon  duine  a 
b'aithne  dhomh  a  bha  cur  dragh  air  fhein  'g 
an  toirt  do'n  eaglais. 

Bha  na  ministearan  air  an  taghadb  as  a 
h -uile  eaglais,  as  an  Eaglais  Shaoir  cho  maith 
ri  Eaglais  na  h-Alba  ;  bha  sanas  air  a  thoirt 
do  na  Gaidheil  cuin  a  bhiodh  an  t-seirbhis 
ann,  agus  thigeadh  iad  rstar  fada  do'n 
eaglais.  An  deidh  na  seirbhis  rachadh  iad 
uile  sios  do  ThaUa  na  h-eaglais,  far  am 
faigheadh  iad  cupan  tea  agus  cothrom  air 
seanchas  a  bhi  aca  ri  cheile,  agus  eolas 
fhaotainn  air  daoine  a  bha  as  an  aofl  aite, 
no  as  an  aon  eilean  riutha  fhein.  Agus  fad 
na  h-iiins  an  Criosduidh  maith  agus  an 
duine  laghach  ud,  Lachlann  Caimb3ul,  a'  dol 
sios  is  suas  'n  am  measg,  'g  an  deanamh 
aithnichte  d'a  cheile.  Bha  bean  aige  cho 
laghach  ris  fhein. 

Fhuair  e  fois  o  shaothair,  agus  leanaidh 
oibre  e. 

Moderator  na  h-ath  bhliadhna 

A  bheatha  agus  ar  deagh  ghuidhe  do'n 
Mhoderator  ur,  an  Ro-Urramach,  G.  S. 
Duncan,  O.B.E.,  D.D.,  LL.D.,  Ard-cheann 
Colaisde  Muire  Naomh,  an  Cill-rimhinn, 
sgoilear  maith  agus  duine  iriosal,  a  dhearbh 
a  dhuinealas  an  cogadh  's  an  sith.  Ged 
nach  biodh  de  mholadh  air  ach  gu  bheil  e 
maith  air  Greigis  bu  mhor  am  moladh  sin 
fhein,  oir  tha  a'  Ghreigis  agus  an  inntinn 
chiaUach  a'  dol  comhla  am  bitheantas.  Bho 
chionn  bhliadhnachan  tha  e  air  a  chunntas 
mar  aon  de  sgoilearan  an  Tiomnaidh  Nuaidh 
as  fhe^rr  a  tha  againn,  agus  chuir  an  leabhar 
mu  dheireadh  a  sgriobh  e  ri  chliu  gu  mor. 

Tha  bMgh  aige  ri,oileanaich  Gbaidhealach 
agus  tha  e  anabarrach  coibhneil  riu,  mar  a 
bhithinn  a'  cluinntinn  gu  trie  o  fheadhainn 
dhiubh  air  an  robh  mi  eolach.  Ma's  maith 
mo  chuimhne  bha  e  'n  a  mhissionaraidh- 
samhraidh  anns  an  Apuinn  an  uair  a  bha  e 
'n  a  oileanach  6g,  agus  c6  aige  a  tha  fhios 
nach  cuir  a  dhleasdanas  mar  Mhoderator  an 
ath-bhliadhna  air  ais  e  do'n  ghleann  anns  an 
do  thoisich  e  air  an  Fhacal  a  labhairt  le 
eagal  agus  ball-chrith. 


Aireamh  i 


1949 


A  Bhliadhn'  tir 

Ar  boid  's  ar  n-urnuigh  nis  a  ta 
an  lath'r  do  chaithir  ghrkis  ; 

Bi  leinn,  0  Dhia  ar  n-aithrichean, 
's  na  dlohair  sinn  gu  brath. 


AIG  an  am  so  de  'n  bhliadhna  bidli  sinn  a' 
guidhe  Bliadhna  Mhaith  Ur  do  chach  a 
cheile,  acli  'sea  thuirt  Rabbi  Duncan, 
Ollamh  na  h-Eabhra,  ris  na  h-oileanaich  oga 
an  Dun-eideann,  Siorruidheachd  shona 
dhuibh !  Sin  an  guidhe  agus  am  beannachadh 
as  fhearr,  oir  tha  an  t-siorruidheachd  fada 
agus  buan  ;  air  cho  cruaidh  's  'g  am  bi 
latha  no  bliadhna  thig  iad  gu  crich,  ach  cha 
tig  crioch  air  an  t-siorruidheachd. 

Ged  dh'aireamhainn  uile  reultan  neimh, 
Gach  feur  is  duilleach  riamh  a  dh'fhas, 
Mar  ris  gach  braon  a  tha  's  a'  chuan, 
'S  gach  gainneamh  chuairticheas  an 

traigh  ; 
'S  ged  chuirinn  mile  bliadhna  seach 
As  leth  gach  aon  dhiubh  sud  gu  leir, 
Cha  d'imlch  seach  de'n  t-siorruidheachd 

mhoir 
Ach  mar  gu'n  toisicheadh  i  'n  de. 

Clod  a  ghne  dhaoine  a  bu  choir  a  bhi 
annainn  aig  a  bheil  ar  duthchas  agus  ar 
dachaidh  anns  an  t-saoghal  shiorruidh  ! 

Ar  boid  agus  ar  n-urnuigh,  da  ni  a  tha 
freagarrach  dhuinn  a  chur  an  lathair  an 
Tighearna  gach  latha  d'ar  beatha,  ach 
freagarrach  gu  sonraichte  aig  toiseach  na 
bliadhna,  an  uair  a  tha  an  da  chuid  eagal 
agus  dochas  'n  ar  cridhe  a  thaobh  na  slighe 
a  tha  romhainn.  Air  cho  neo-smaoin- 
eachail  no  mi-shuimeil  's  'g  am  faod  duine  a 
bhith,  tha  laithean  sonraichte  'na  bheatha  a 
tha  toirt  'na  chuimhne  nithean  a  bha  e  a' 
dichuimhneachadh,  agus  guthan  leis  an  do 
labhair  Dia  ris,  agus  boidean  a  dh'ioc  e  do 
Dhia  'n  a  chridhe.  "  Air  la  na  Bliadhn'-uire," 
arsa  seoladair  ann  an  litir  gu  mhathair, 
chuimhnich  mi  dha  no  tri  dh'uairean  air  an 
rud  a  thuirt  sibh  riura  an  uair  mu  dheireadh 
a  bha  mi  dhachaidh  aig  a'  Bhliadhn'-iiir  ; 
thuirt  sibh  rium  ' '  nach  'eil  duine  glic  gus  an 
teagaisg  Dia  dha  a  laithean  aireamh."  Agus 
an  uair  a  dh'fhaighnich  mi  dhibh  ciod  am 
feum  a  bha  ann  do  dhuine  a  bhi  ag  aireamh 
a  laithean,  is  e  thubhairt  sibh,  "chum  's 
gu'n  tuig  e  cho  goirid  agus  cho  neo-chinn- 


teach  's  a  tha  a  bheatha."  Cha  do  ghreimich 
e  riamh  air  m'inntinn  gu  bheil  so  fior  gus 
am  faca  mi,  seachduin  an  deidh  dhuinn 
Grianaig  fhagail,  fear  de'n  sgioba  againn  air 
a  mharbhadh  ri  m 'thaobh,  le  gat  iaruinn  a 
thuit  air  agus  a  sgoilt  a  cheann.  Bha  e  'n 
a  shuidhe  laimh  rium  aig  ar  braiceas,  ag 
innseadh  dhuinn  mu  na  h-oidhchean 
sunndach  a  bha  aige  an  uiridh  ann  an  Cork, 
ach  leth-uair  'n  a  dheidh  sin  bha  e  anns  an 
t-siorruidlieachd.  Chan  urrainn  mi  an  rud  a 
chur  as  m'inntinn  ;  esan  air  a  ghabhail  agus 
mise  air  m'fhagail.  Duine  cho  laghach  's  a 
ehunnaic  sibh  riamh,  tri  bliadhna  na  b'oige 
na  mise." 

Co  dhiubh  is  ann  ruinn  fhein  a  tha  sinn  a' 
deanamh  boid  no  an  lathair  Dhe  (tha 
mtighadh  eadar  an  da  rud)  tha  mi  cinnteach 
gu'm  bi  a'  mhor-chuid  de  dhaoine  a'  cur 
bhoidean  orra  fhein  aig  toiseach  na  bliadhna, 
boidean  gu'n  dean  no  gu'n  seachain  iad  sud 
no  so  nach  do  rinn  agus  nach  do  sheachain 
iad  an  uiridh.  An  uair  a  sguireas  duine  de 
bhi  a'  cur  bhoidean  air  fhein  tha  sin  'n  a 
chomharradh  cinnteach  gu  bheil  a  choguis 
a'  fas  maol  agus  marbh.  Faodaidh  dochas 
a  bhi  agad  a  thaobh  an  duine  nach  'eil 
toilichte  leis  an  ire  a  rainig  e  cheana  anns  a' 
bheatha  dhiadhaidh,  agus  a  bhios  ag  urnuigh 
gu'n  cuidicheadh  Dia  leis  buaidh  fhaotainn 
thairis  air  a'  pheacadh  ud  no  air  an  droch 
chleachdadh  ud  a  tha  'g  a  cheangal  mar 
phriosanach.  Ach  chan  'eil  dochas  idir  a 
thaobh  an  duine  a  tha  lan-riaraichte  leis 
fhein,  socruichte  air  a  dheasgainnibh. 

Feumar  a  chuimhneachadh  nach  bi  ar 
boidean  tarbhach  mur  bheil  urnuigh  agus 
oidhirp  a'  dol  comhla  riu  ;  is  ann  anns  an 
iirnuigh  agus  anns  an  oidhirp  a  tha  an 
.eifeachd  uile  gu  leir.  Their  cuid  riut  gur 
fhearr  dhuit  gun  boid  a  dheanamh  idir  seach 
do  bhoid  a  bhriseadh,  agus  bheir  iad  sgriob- 
tuir  dhuit  'g  a  dhearbhadh,  no  theagamh  'g 
am  fireanachadh  fhein  air  son  nam  boidean 
nach  do  ghabh  iad  orra  fhein.  Ach  ged  nach 
biodh  ann  ach  cealgaireachd  is  fein-mhealladh 
boid  a  dheanamh  mur  robh  run  durachdach 


A  BHLIADHN'   UR 


'n  ad  chridhe  air  a'  bhoid  sin  a  cliumail,  ma 
rijin  thu  oidhirp  agus  urnuigh,  a'  feuchainn 
ris  an  rtin  mhaith  a  bha  'n  ad  chridhe  a 
choimhlionadh,  chan  e  peacadh  a  bha  ann 
dhuit  do  bhoid  a  thabhairt,  eadhon  ged  nach 
d'thug  thu  gu  crich,  tre  laigse  do  thoile 
no  neart  agus  aireamh  nam  buairidhean  a 
thachair  ort,  an  ni  maith  air  an  do  thoisich 
thu  agus  an  rim  maith  a  bha  'n  ad  chridhe. 

Chan  61  mi  deur  tuilleadh,  deur  tuilleadh, 

deur  tuilleadh, 
Chan  61  mi  deur  tuilleadh,  deur  tuilleadh 

de'n  dram, 
Chan  61  mi  deur  tuilleadh,  cha  dean  mi  ris 

fuireach, 
'S  mi  cinnteach  gu'n  cuireadh  e  'n  tuhaist 

am  cheann. 

An  abradh  tu  nach  robh  buannachd  ann 
do'n  duine  ud  a'  bhoid  so  a  dheanamh  a 
chionn  nach  do  ghleidh  e  i  ach  ochd  miosan, 
agus  gu'n  do  ghabh  e  an  daorach  a'  cheud 
uair  a  chaidh  e  do  Thobar-mhoire.  Nach 
maith  do  dhuine  ana-miannan  na  feola  a 
cheaimsachadh  ochd  miosan  fhein  ;  stuam- 
achd  a  bheir  saorsa  agus  sonas  dha.  M'  an  dit 
thu  an  duine,  agus  m'an  abair  thu  nach  biodh 
feum  ann  dha  a  bhoid  a  dheanamh  as  iir,  an 
deidh  na  thachair  ann  an  Tobar-mhoire, 
cuimhnich  air  a  liuthad  duine  anns  a' 
Bhiobull,  agus  am  measg  nan  daoine  as 
aithne  dhuit,  a  thuit  ach  a  dh'eirich  a  ris  ; 
a  pheacaich  ach  a  fhuair  maitheanas  o  Dhia 
a  chionn  gu'm  bu  leir  dha  an  diirachd  agus  an 
oidhirp,  agus  gu'n  cual  e  an  urnuigh.  Cuimh- 
nich cuideachd  air  an  t-sonas  a  tha  e  a'  toirt 
do  theaghlach  agus  do  chairdean  agus  do 
choimhearsnaich  duine  a  bha  trom  air  an 
deoch,  an  uair  a  chi  iad  e  a'  tighinn  dhach- 
aidh  feasgar  an  deidh  feasgair,  seachduin  an 
deidh  seachduin,  agus  mios  an  deidh  mios, 
le  ceum  nan  Rechabach  agus  a  chiall  aige. 

Tha  fhios  agaibh  gur  ann  air  a'  bhoid  a 
bhoidich  lacob  ann  am  Betel,  an  uair  a 
chaidil  e  a  mach  air  an  raon,  a  tha  an  dara 
Laoidh  air  a  steidheachadh,  "  Ma  bhitheas 
Dia  leam  .  .  .  agus  ma  bheir  e  dhomh  aran 
r'a  itheadh,   agus  aodach  r'a   chur  umam, 


agus  gu'n  tig  mi  a  ris  ann  an  sith  gu  tigh 
m'athar,  an  sin  bidh  an  Tighearn  agam  'n  a 
Dhia."  The  cuid  de  dhaoine  an  diugh  aig  a 
bheil  eoguisean  cho  usaideach  's  nach  toigh 
leo  an  da  shreath  mu  dheireadh  de'n  Laoidh 
anns  a  Bheurla  a  sheinn,  a  chionn  gu  bheil 
iad  an  diiil  nach  e  bold  ach  ciimhnant  no 
bargain  a  bha  lacob  air  son  a  dheanamh  ri 
Dia.  Le  bhi  a'  faotainn  coire  do  lacob  tha 
iad  a'  feuchainn  ri  dhearbhadh  nach  robh 
ann  ach  duine  saoghalta  a  bha  air  son 
buannachd  a  dheanamh  as  an  diadhaidh- 
eachd,  duine  nach  robh  cho  spioradail  riutha 
fhein. 

Air  son  na  tha  dh 'fhios  agam-sa  faodaidh 
6  bhith  gu  robh  lacob  cho  saoghalta  ruinn 
fhein,  ach  ma  leughas  tu  Genesis  xxviii,  10-32, 
a  ris  chi  thu  nach  e  lacob  idir  ach  Dia  a 
thoisich  an  toiseach  air  labhairt  mu'n 
chiimhnant  no  mu'n  bhargain  a  bha  ri  bhi 
eatorra,  Dia  a'  labhairt  ris  ann  am  bruadar 
(aon  de  na  doighean  anns  an  d'fhoillsich  Dia 
e  fhein  o  shean).  Ged  gheall  Dia  nithe  mora 
do  lacob  cha  do  chuir  lacob  air  a  thaobh 
fhein  ach  nithe  beaga  anns  a'  chtimhnant, 
aran  agus  aodach  agus  sith  air  a  thurus. 

Ach  gun  a  bhi  a'  leudachadh  air  an  doigh 
anns  a  bheil  am  Biobull  a'  labhairt  mu'n 
daimh  a  tha  eadar  Dia  agus  a  shluagh  mar 
chiimhnant,  chan  'eil  rud  eile  as  cinntiche  na 
gu'n  d'fhuair  lacob  toradh  maith  agus 
beannachd  lehovah  o'n  bhoid  a  bhoidich  e 
aig  Betel,  agus  e  air  dol  air  cheann  turuis 
nach  robh  fhios  aige  ciod  bu  chrioch  dha. 
Ann  an  driop  an  t-saoghail  agus  anns  gach 
malairt  anns  an  robh  lamh  aige,  cha  do 
dhichuimhnich  lacob  gu  buileach  am  foills- 
eachadh  a  rinn  Dia  air  fhein  dha  aig  Betel, 
no  a'  bhoid  a  bhoidich  e  an  lathair  Dhe, 
agus  chaidh  e  air  ais  do'n  aite  ud  a  ris,  agus 
thuirt  e  ri  theaghlach,  "  Eireamaid  agus 
r,achamaid  suas  gu  Betel,  agus  ni  mise  an  sin 
altair  do  Dhia,  a  dh'eisd  rium  ann  an  la  mo 
chruaidh-chas,  agus  a  bha  maille  rium  's 
an  t-slighe  air  an  deachaidh  mi." 

Nach  bu  mhaith  na'n  abradh  iomadh  duine 
ris  fhein  air  ceud  Shabaid  na  Bliadhn'-uire, 
"  locaidh  mi  mo  bhoidean  do'n  Tighearna 
a  nis  an  lathair  a  shluaigh  uile." 


Leabhar  Aithghearr  Nan  Ceist 

Leis  an    Urramach  T.  M.  MacGalmain,  M.A.,   Glaschu 
( Air  a  leantuinn) 


CHA  ruigear  a  leas  iiine  a  chosg  ag  innseadh 
ceum  air  cheum  mar  a  chaidh  na  diadhairean 
an  sas  'nan  saothair.  Foghnaidh  e  a  radh 
gun  do  chuir  iad  ri  cheile  Leabhar  Aidmheil 


a'  Chreidimh.  an  toiseach,  agus  an  sin  an 
Leabhar-ceasnachaidh  Farsaing,  agus  'na 
dheidh  sin  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist. 
Rinn  iad  da  leabhar-cheist  a  chionn,  mar  a 


LEABHAR  AITHGHEARR  NAN  CEIST 


thuirt  iad  fhein,  "  tha  e  doirbh  biadh.  is 
baijiTie  a  mheasgadh  aims  aii  aon  mheis  " 
(faic  1  Corint.  iii.  2),  agus  mar  sin  rimaich 
iad  leabhar  mor  ullachadh  air  son  nan 
inbheach  agus  leabhar  beag  air  son  na 
h-6igridh.  Faodar  a  r^dh — ag  cur  na  ctiise 
gu  li-aithghearr  agus  gu  simplidJi — gu  bheil 
an  Leabhar-ceasnachaidh  Farsaing  air  a 
steidheachadh  air  Leabhar  Aidmheil  a' 
Chreidimh,  agus  gu  bheil  Leabhar  Aithghearr 
nan  Ceist  'na  ghiorrachadh  air  an  Leabhar- 
cheasnachaidh  mhor.  Ach  ann  a  bhith  ag 
ullachadh  nan  leabbraichean-cheist  rinn  na 
diadhairean  feum  de  leabhraichean  eile. 
Cha  b'e  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist 
idir  a'  cheud  leabhar-ceasnachaidh  a  chuir- 
eadh  a  mach  anns  an  linn  ud.  Am  m.easg 
nan  diadhairean  a  bha  cruinn  an  lar-mhinster 
bha  corr  is  dusan  a  chuir  a  mach,  gach  fear 
fa  leth,  leabhar-ceasnachaidh  a  dheasaich  e 
fhein.  Ann  an  Alba  inn  fhein  rounh  an  am  seo 
bha  mor-fheum  air  a  dheauamh  de  leabhar- 
ceasnach  lidh  Iain  Chalvin  (a  chuireadh  a 
mach  an  1554)  agus  de  leabhar-ceasnachaidh 
eile  a  dh'uUaich  an  t-Urramach  Iain  Craig  a 
bha  'na  mliinistear  an  Obar-dheadhain  's 
an  Dim-eideann  mu  na  bliadhnaichean  1581 
is  1591,  agus  ann  an  1644  chuir  Ard-sheanadh 
Eaglais  na  h'Alba  a  mach  leabhar-ceasnach- 
aidh. Ann  a  bhith  ag  ullachadh  nan  leabh- 
raichean-ceasnachaidh  aca  fhein  rinn  diadh- 
airean lar-mhinster  feum  de  leabhraichean  a 
bha  mar  sin  cheana  an  clo. 

Ged  a  choisinn  Leabhar  Aithghearr  nan 
Ceist  urram  an  Albainn  os  cionn  na  fhuair 
e  an  duthaich  sam  bith  eUe,  is  e  gle  bheag  a 
rinn  na  riochdairean  Albannach  'na  dheasach- 
adh.  Chaochail  MacEanraig  mun  do  chuireadh 
crioch  air  an  Leabhar-aidmheil  agus  chaidh 
Raibeart  Bailidh  dhachaidh  an  deidh  do'n 
Leabhar-aidmheil  a  bhith  criochnaichte. 
Thill  MacGilleasbuig  do  Albainn  am  feadh 
's  a  bha  na  diadhairean  ag  ullachadh  an 
Leabhar-cheasnachaidh  Fharsaing,  agus 
dh'iarr  Rutherford  falbh  cuideachdi  agus  e 
de'n  bheachd  nach  b'fhiach  fuireach  gus 
cuideachadh  leis  an  Leabhar  Aithghearr. 

B'abhaist  e  bhith  air  a  chreidsinn  gu 
robh  lamh  mhor  aig  Seoras  MacGUlea  sbuig 


ann  an  deasachadh  an  Leabhair  Aithghearr, 
agus  bha  e  air  a  rkdh,  an  uair  nach  b'urrainn 
do  na  diadhairean  amas  air  mineachadh 
cothromach  air  a'  chuspair  "  Ciod  e  Dia  ?  " 
gun  deachaidh  MacGilleasbuig  a  dh'tirnuigh 
agus  thoisich  e  air  an  tirnuigh  leis  na  briathran 
seo  :  "  Dhe,  a  tha  'nad  Spiorad  neo-chrioch- 
nach,  bith-bhuan,  agus  neo-chaochlaideach, 
ann  am  bith,  gliocas,  cumhachd,  naomhachd, 
ceartas,  maitheas,  agus  firinn."  Rinn  na 
briathran  sin  a  leithid  de  dhrtiidheadh  air  na 
diadhairean  agus  gun  do  ghabh  iad  riutha 
mar  fhreagairt  do'n  cheist,  "  Ciod  e  Dia  ?  " 
Ach  chan  'eil  facal  firinn  anns  an  sgeul. 
Bha  MacGilleasbuig  a^r  tJleadh  a  dh 'Albainn 
roimhe  seo,  agus  chan  'eil  ann  am  mineachadh 
an  Leabhair  Aithghearr  air  ciod  e  Dia  ach 
giorrachadh  air  an  fhreagairt  do'n  dearbh 
cheist  sin  anns  an  Leabhar-cheasnachaidh 
Fnarsaing.  A  dh'aindeoin  sin,  tna  e  coltacb 
gun  d'rinn  Seoras  MacGiUeasbuig  cuideach- 
adh mor  ann  an  saothair  nan  diadhairean, 
gu  sonraichte  ann  an  deasachadh  an  Leabh- 
air-aidmheil.  Is  esan  a  b'oige  de  na  diadh- 
airean uile  ;  cha  robh  e  ach  deich  bliadhna 
fichead  a  dh'aois  an  1643,  ach  bha  e  sonraichte 
air  son  a  dhiadhachd  agus  fhoghluim. 
Chaoohail  e  an  1648. 

Ged  a  tha  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist 
air  a  steidheachadh  air  an  Leabhar-cheasnach- 
aidh mhor  agus  air  an  Leabhar-aidmheil^ 
fhathast  tha  e  eadar-dhealaicbte  bh.iapa 
sin  le  cheile.  Tha  na  tri  air  an  cur  sios 
gu  h-6rdail,  doigheil,  soilleir,  ach  tha  snas 
agus  uaisleachd  ann  am  briathran  an 
Leabhair  Aithghearr  agus  gach  ni  mor 
agus  diomhair  agus  cudthromach  air  a 
chur  sios  le  cho  beag  de  fhacail  's  a  ghabhas 
deanamh.  Tha  e  air  a  radh  gur  e  ant-OUamh 
Iain  WaUis  am  fear  aig  am  bu  mhotha 
bha  lamh  'na  dheasachadh.  'S  e  Sasannach 
foghluimte  a  bha  ann,  le  eola?  air  iomadh 
cuspair,  agus  bha  e  'na  oide-foghluim  an 
Oilthigh  Oxford.  B'esan  am  fear  a  b'ainmeile 
ann  an  eolas  air  cuspa'rean  tomhais  is 
aireimh  (no  mathematics)  roimh  an  Ridire 
Isaac  Newton.  Tha  comharradh  ordalachd 
inntinn  an  duine  seo  air  Leabhar  Aithghearr 
nan  Ceist. 


II 


An  uair  a  chuir  na  diadhairean  an  lar- 
mhinster  crioch  air  leabhar  Aithghearr  nan 
Ceist  chaidh  a  chur  fa  chomhair  Parlamaid 
agus,  an  deidh  dha  bhith  air  beulaobh  nan 
cleirean  air  feadh  Albann,  riinaich  Ard- 
sheanadh  Eaglais  na  h-Alba  air  an  28iuh  de'n 
luchar  1648  gum  biodh  e  air  a  chraobh- 
sgaoileadh  air  feadh  na  diithcha.  Anns  na  tri 
cheud    bliadhna    bho'n  "am    sin    dh'eadar- 


theangaicheadh  e  gu  iomadh  canain  agus 
rinneadh  feum  dheth  an  iomadh  diithaich, 
ach  b'i  a'  Ghaidhhg  a'  cheud  chanain  anns 
an  deachaidh  a  thionndadh  o'n  Bheurla, 
agus  is  e  Seanadh  Earraghaidheal  d'an 
dleas  urram  a^  thoirt  air  son  a  chur  an 
Gaidhlig,  agus  gu  firinneach  dleasaidh  iad 
urram  air  son  gach  saothair  eile  e  rinn  iad 
gus    Facal    an    Tighearna    a    thoirt    do    na 


LEABHAR  AITHGHEARR  NAN  CEIST 


Gaidheil  'nan  canain  fain  agus  gus  sgoil  a 
thoirt  "dhaibh  cuideachd. 

Ged  a  rinneadh  aireamh  cheartachaidhean 
air  Leabhar  nan  Ceist,  cha  mhor  an  t-eadar- 
dhealachadh  a  tha  eatorra  uile,  oir  is  ann 
as  an  aon  Bheurla  a  bha  iad  uile  air  an 
tarraing,  agus  (n).ar  a  thuirt  mi  cheana) 
's  ann  an  litreachadh  nam  facal  agus  (gu 
ire  bhig)  ann  an  gnatbasan-cainnte  a  tha 
eadar-dhealachadh  eatorra. 

Mar  eisimpleir,  seo  Ceist  31  mar  a  tha  e 
ann  an  eadar-theangachadh  Seanadh  Earra-gh 
aidheal  agus  a  rithist  mar  a  tha  e  aig  an 
Ollamh  Ros. 

Seanadh  Earra-ghaidheal.  "  Creud  is  gairm 
eifeachdach  ann  ? — Is  gairm  eifeachdach 
ann,  obair  Spiorad  De,  leis  an  bhfuil  se  ag 
bhfagbhail  ris  ionnain  fein  a  bpeacadh 
agus  truaighe,  ag  soillsighadh  ar  ninntinn- 
eadha  a  neolus  Chriosd,  ag  athnuadhughadh 
ar  dtoile,  agus  air  a  lorg  sin  ag  ar  ndeenamh 
deonach  agus  comasach  ar  losa  Criosd  a 
dhlu-ghabhail  chuguin,  mar  ata  se  ar  na 
thairgse  dhuinne  gu  saor  ann  san  tsoisgeul." 

An  Rosach.  "  Ciod  i  a'  ghairm  eifeachdach  ? 
—  'S  i  a'  ghairm  eifeachdach  obair  Spioraid 
De,  anns  am  bbeil  e  dearbhadh  oirnne  ar 
peacanna  agus  ar  truaighe,  a'  soillseachadh 
ar  n-inntinn  le  eolas  air  Criosd,  ag  athnuadh- 
achadb    ar  toile,   agus,   air  lorg   sin,    'g  ,ar 


deanamh  deonach  agus  ccmasach  air  losa 
Criosd  a.  dhlti-ghabhail  chugainn,  mar  a 
tha  e  air  a  thairgse  dhuinn  gu  saor  anns  an 
b-soisgeul." 

Tha  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  a' 
toiseachadh  leis  a'  cheist  mhoir  a  bha  riamh 
'na  ceist  air  daoine  tuigseach,  smaointinneach 
"  Ciod  is  crioch  araidh  do'n  duine  ?  "  Car 
son  a  tha  sinn  ann  idir  ?  "  Is  e  as  crioch 
araidh  do'n  duine  Dia  a.  ghlorachadh  agus 
a  mhealtainn  gu  siorruidh,"  agus  a  chum 
na  criche  sin  tha  Leabhar  nan  Ceist  ag 
cur  an  ceill  gach  ni  as  coir  dhuinn  a  cbreidsinn 
agus  gach  ni  as  coir  dhuinn  a  dheanamh,  a 
reir  's  mar  a  tha  Facal  an  Tighearna  'gar 
seoladh. 

Thubhairt  Tomas  Carlyle  uair-eigin  :  "  Mar 
is  sine  tha  mi  fas—  agus  tha  mi  nise  air 
bruaich  na  siorruidheachd—  's  ann  as  motha 
a  tha  ceud  bhriathran  Leabhar  nan  Ceist 
a'  tighinn  air  ais  thugam — -briathran  a 
dh'ionnsaich  mi  's  mi  'nam  leanabh — 
agus  's  ann  as  laine  agus  as  doimhne  a  tha 
an  seagh  a'  dol." 

Cha  m.hath  an  latha  e  do  dh'Albainn  agus 
do'n  Ghaidhealtachd  gu  bheil  a'  mhor- 
chuid  de'n  t-sluagh  gu  tur  aineolach  air  aS" 
leabhran  phriseil  seo.  Nan  robh  aithne 
aca  air  agus  creideamh  aca  'na  theagasgan 
sgriobtural,  cha  bhiodh  iad  air  an  luasgadh 
a  null  's  a  nail  leis  gach  gaoith  a  sheideas. 


Cliu  deagh  luchd-riaghlaidh 

An  t-  Urrmnach  Calum  MacOilleathain,  M.A. 


BU  mhath  a'  chomhairle  a  thug  'athair- 
ceile,  sagart  Mhidiain,  air  Maois,  an  uair  a 
thuirt  e  ris  nach  robh  e  glic  dha  a  bhi  'g  a 
chaitheamh  fhein  as  gu  tur,  a'  riaghladh  an 
t-sluaigh  'n  a  aonar,  agus  gu  'm  bu  choir  dha 
daoine  a  thaghadh  as  an  t-sluagh  a  chuidich- 
eadh  leis,  agus  a  dheanamh  na  b'aotruime 
an  t-uallaeh  a  bha  e  a'  gitilan ;  daoine 
foghainteach,  daoine  air  am  hi  eagal  Dhe, 
daoine  firinneach,  a  dhjhvathaicheas  sannt. 
Ecsodus  xviii,  21. 

Am  Breatunn  tha  taghadh  an  luchd- 
riaghlaidh  an  lamhan  an  t-sluaigh,  agus  so 
an  seorsa  dhaoine  a  bu  mhath  leinn  fhaicinn 
ann  an  Tigh  nan  Cumantan. 

Daoine  foghainteach 

An  uair  a  theid  sinn  a  thogail  thighean, 
anns  an  linn  seo,  seallaidh  sin  a  mach  air  son 
clachairean  is  saoir  agus  cuiridh  sinn  an 
obair  sin  orra-san.  Tha  iad  coltach  ris  an 
obair,  air  an  ionnsachadh  agus  air  an  cleachd- 
adh  ris.  Tha  neart  'nan  gairdeanan  agus  tha 
eolas  anns  na  claiginn  aca,  agus  tha  feum 


orra  le  cheile.  Nidh  na  fir  sin  na  caistealan. 
Cha  dean  an  caochladh  ach  na  bothagan, 
agus  cha  bhidh  na  bothagan  fhein  ach  cam, 
grobach.  An  uair  a  theid  sinn  gu  muir 
seallaidh  sinn  a  mach  air  son  soithichean 
mora  air  son  turns  fada,  agus  luchd  iarraidh 
agus  luchd  stiilraidh  a  bhios  laidir,  eolach, 
earbsach.  Car  son  a  bhitheamaid  de'n 
bheachd  gun  dean  daoine  mi-fhoghainteach 
a'  chilis  an  gnothuichean  as  cudthromaiche 
gu  fada  na  na  gnothuichean  sin  ?  Car  son  a 
shaoileamaid  gun  dean  a  chuile  fear  a 
chanas  "  seo  mise  agus  riaghlaidh  mi  riogh- 
achd  "  a'  chtiis  am  Parlamaid  ?  Is  i  a' 
cheud  cheist  a  bheil  e  foghainteach.  Agus 
is  i  foghainteach  de  sheorsa  air  leth  a  tha 
dhith  air.  Chan  e  corp  mor,  no  sporan  mor, 
no  guth  mor,  no  61  mor,  no  geallanna  mora 
a  nidh  an  fhoghainteach  sin.  Thainig 
iasgair  Leodhasach  dhachaidh  bliadhna  a 
Gallaibh  agus  chaidh  e  choimhead  air  a 
dheagh  mhinistear  aig  baile.  "  Am  faca  tu 
Domhnall  Grannd,"  arsa  am  ministear. 
"Chan  fhaca,"   thuirt  am  fear  eile,    "ach 


CLIU  DEAGH   LUCHP-RIAGHLAIDH 


chunnaic  mi  Alasdair  Gearr."  "  Cha  b'ion- 
ann  do'n  dithis,"  thuirt  am  ministear. 
"  Roinneadh  Alasdair  Gearr  an  roineag  ach 
riaghladh  Dom.hnall  Grannd  rioghachd." 
Seadh,  direach.,  chan  fhuilear  do  dhuine  a 
bhith  eolach  air  barrachd  air  sgoltadh 
chudaigean  agus  air  buain  na  monadh.  mun 
deanadh  e  lagh  rioghachd.  Is  iomadh  fear  a 
nidh  a'  cheud  chuid  doigheil  gu  leoir  aig 
nach  'eil  lamh  no  ceann  no  ttir  air  son  an 
ni  eile.  Chuir  feadhainn  seachad  an  latha 
ag  iasgach  an  sgadain  a  bha  air  hichd 
riaghlaidh  a  dheanamh  ro-mhaith,  ach  an 
cothrom  a  bhith  aca !  Is  lugha  cunnart  do 
rioghachd  duine  anns  a  bheil,  fo  thuinn 
ann  fhein,  na  riaghladh  rioghachd  a  bhith  ri 
sgadan  ha  daoine  a  bhith  ag  riaghladh  do'm 
b'fhearr  a  thigeadh  a  bhith  aig  an  sgadan. 
Bha  Plato  de'n  bheachd  gun  robh  ciiis  seo 
an  riaghladh  cho  mor,  cho  trom  agus  cho 
airidh  air  gabhail  aice  agus  gum  bu  choir 
gum  biodh  an  luchd  riaghlaidh  air  an  sar- 
thaghadh  agus  air  an  sar-oileanachadh  air 
son  an  dreuch.  Ach  aig  amannan  saoilidh 
daoine  gun  dean  "  cailleach  nan  cearc  "  sin 
cho  maith  ri  Plato  e  fhein.  Bithidh  a  bhuil 
ann.  Agus  fa  dheireadh  canar  seo,  "An 
rud  nach  d'fhuair  Niall  chan  iarrar  air  e." 

Daoine  air  am  bi  eagal  Dhe 

Nach  canadh  cuid  gur  e  sin  a'  cheud  ni  ? 
Thuirt  Rabbi  Duncan  mar  ' '  eil  gras  aig 
neach  gum  faigh  e  sin  le  iarraidh,  mar  'eil 
Greugais  aig  neach  gun  gabh  sin  fhoghlum  ; 
ach  mur  'eil  tonaisg  aig  neach  nach  b' 
aithne  dha  cait  am  faighte  sin  dha !  "  Ach 
is  e  eagal  Dhe  tils  a'  ghliocais.  Agus  mur 
'eil  Dia  aig  neach,  agus  comhla  ri  neach, 
chan  'eil  ann  dha  ach  an  seacharan  ;  agus 
ma  is  e  an  dall  a  bhios  a  treorachadh  nan 
dall !  Seo  direach  cuid  de  challdachd  a' 
ghinealaich  seo  againn  nach  'eil  daoine 
cinnteach,  mar  a  bha  iad  aon  uair,  a  crioch 
araid  an  duine.  Agus  tha  am  Facal  ag 
innseadh  dhuinn  nach  ann  gun  Dia  agus  gun 
dochas  a  bhios  na  daoine  a  nidh  solus  do'n 
t-saoghal.  Cuir  a'  cheist,  ma  ta,  ri  duine 
air  nach  'eil  eagal  Dhe,  agus  tu  'ga  thagadh 
air  son  do  riaghladh  's  do  riarachadh,  "  De 
is  crioch  araid  do'n  duine  ?  "  U  tha  sin  agad 
gu  h-aithghearr ! 

Ach  is  e  an  t-iom.lan  a  tha  aige-san  an 
duine  a  shasachadh  le  aran  a  mhain.  Muc 
cheart,  mhaith  a  dheanamh  de'n  duine  1 
A !  gun  ta,  cha  dean  sin  a  chiiis  idir,  idir. 
Cha  tog  sinn  le  sin  daoine  o'n  iiir !  Is  fhada 
o  thoisich  an  duine  air  a  bhith  ag  amharc 
direach  roimhe  agus  air  a  bhith  ag  amJiarc 
beagan  os  a  chionn.  Cha-  dean  e  a'  chtiis, 
an  diugh,  idir,  a  bhith^.ag  iarraidh  air  mac 


an  duine  bhi  s^saichte  agus  a  shtiilean  air 
sron  nam  brog  aige.  Seall  suas !  Seall  an 
airde.  Bha  duine  ann  a  thuirt  ri  anam  e 
bhith  riaraichte  le  "  buntata "  (saibhlean 
Ian!).  "  Amadain,"  An  uair  a  bhios  daoine 
air  an  doigh  le  daoine  an  ceannas  air  nach 
'eil  eagal  an  Tighearna,  a  tha  cur  cul  ri 
ainm  is  ri  aobhar  sealladh  iad  a  mach  air 
son  tuil.  Chaidh  a  leithid  sin  de  thuil  thar 
ar  cinn  anns  a'  ghinealach  seo  ;  agus  tha 
tuil  eile  a'  bagairt  tighinn  air  a  ciil.  Agus 
CO  a  shtiilicheadh  a  chaochladh  o  an  leithid- 
ean  ?  Far  'eil  righ  is  uachdarain  'nan  luchd 
treoir  air  a  bheil  eagal  Dhe  tha  seorsa  de 
mhanadh  ratha  againn  nach  bidh  e  chaoidh 
ann  air  a  chaochladh.     Ce  mar  a  bhitheas  ? 


Daoine  firinneach 

Chunnaic  sinne  daoine  nach  robh  firinn- 
each  'nan  luchd  riaghlaidh.  Bha  Hitler  bed 
ri  ar  linn.  "  Mar  as  motha  a  bhreug  a  bhios 
agad  is  ann  as  docha  daoine  do  chreidsinn." 
Siud  am  fear  a  rinn  inneal  de'n  bhreig ! 
Agus  thachair  daoine  ris  a  b'fhearr  na  e 
fhein,  "  daoine  geala."  Cha  do  shaor  sin 
iad,  no  an  daoine  agus  an  tirean,  o'n  sgrios  a 
thug  "  maighstireadh  nam  breug  "  air  an 
t-saoghal.  Seall  ma  ta,  air  cor  na  Gearm.ailt. 
Nach  mor  a'  chilis  theagaisg  i  ?  Agus  seo 
fhathast  ceap-starra  nan  rioghachdan  mora. 
Chan  'eil  an  riaghladairean  a'  creidsinn  a 
cheile.  Tha  seorsa  de  bheachd  bochd  am 
measg  daoine,  o  chionn  iomadh  linn,  gu 
bheil  da  aite  am  measg  nam  feilltean  far 
nach  bidh  siiil  ris  an  fhirinn  ghloin,  far  am 
bithear  a'  ceannach  's  a  reic  each  agus  far 
am  bi  cinnearan  rioghachdan  a'  deanamh 
cordadh.  Tha  sin,  a  nis,  againn  mar  amharus 
am  measg  dhaoine  nach  'eil  ann  am  "  poli- 
tician ' '  ach  duine  a  chanas  an  rud  as  luaithe 
a  mheaias  each.  Mar  nach  biodh  suil  ri 
firinn  am  measg  an  leithidean  sin.  Agus  is 
fheudar  aideachadh  gu  bheil  e  aig  amannan 
doirbh  gu  leoir  an  fhirinn  a  thoirt  a  mach  glan 
a  measg  caigeann  aca.  Gun  ta,  is  ann  air 
daoine  a  bha  stri  ri  riaghladh  ach  a  bha 
direach,  diirachdach  agus  firinneach  nan 
oidhirpean  air  son  leas  an  diithcha  a  tha  an 
cliu  boidheach,  daoine  mar  bha  Abraham 
Lincoln  an  Amairioga,  agus  mar  Gladstone 
san  tir  seo  fhein.  Daoine  treibhdhireach, 
onarach. 

Daoine  a  dh'fhuathaicheas  sannt 

Is  e  fior  bhuaidh  cheart  a  tha  sin!  Is  e 
sannt  an  droch  fhriamh.  Is  e  gaol  an  oir 
agus  chan  e  an  t-or  an  t-olc.  Tha  daoine 
ann  a  nidJi  an  dicheall,  gu  cich,  air  son  an 
co-chreutairean,   gun  ainm  gun  bheairteas, 


6 


CLIU  DEAGH  LUCHD-RIAGHLAIDH 


gun  bhuannachd.  Tha  daoiae  eile  ann  a 
nidh  nithean  air  son  an  co-chreutairean  air 
sgath  buanachd.  Air  a'  Gh^idhealtachd  seo 
againn  chunnaic  sinn  dochtairean  (agus  tha 
feadhainn  aca  beo  fhathast)  a  rinn  euchdan 
mora  air  son  dhaoine  bochda  agus  nach 
togadh  bhuapa  an  duais  dhligheach  (ged  a 
bha  iad  cho  feumach  air  airgiod  ri  daoine 
eile).  Agus  bha  feadhainn  eile  ann  aig  an 
robh  an  sporan  cho  l^n  agus  a  dheanadh 
sireadh  e  agus  aig  an  robh  beag-diu  de 
eiginn  nam  bochd.  Tha  urrad  eadar  an 
dithis  sin  agus  a  tha  eadar  solus  is  dorchadas. 
Thuirt  fear  de'n  t-seorsa  mhaith  latha  rium, 
"  tha  tri  nithean  air  nach  dean  daoine 
taire.  Is  e  a  h-aon  aca  sin  sporan  mor 
trom."  (Cha  robh  e  fhein  a'  cuir  cus  san 
dearbh  sporan,  cha  b'ann  air  a  bha  a  shiiil ; 
ach  bha  fhios  aige  air  rud.) 


Tha  luchd-riaghlaidh  'nan  seasamh  far 
am  bheil  ant-eolas  a  tha  aca  a  fosgladh 
dorsan  cothrom  air  buanachd  a  dheanamh 
nach  'eil  idir  aig  a'  ghnath-dhuine.  Nach 
trie  a  chithear  daoine  nach  do  rinn  cosnadh 
mor  riamh  ach  a  "  bhith  riaghladh  "  agus 
iad  mor  an  inbhe  agus  mor  am  banca  's  am 
fearann  agus  am  maoin  eile.  Tha  am  fear- 
obrach  airidh  air  a  dhuais  ;  ach  tha  am 
fear  nach  'eil  a'  riaghladh  ach  a  chum  gum 
faigh  e  lamh  air  sporan  rioghachd  agus 
sporan  dhaoine  eile  nas  cunnartaiche  na  am 
meairleach  bochd  diblidh  a  chuirear,  gun 
truas,  an  toll  a'  phriosain.  Bheir  e  barrachd 
leis.  Seadh,  is  e  an  duine  gun  sannt  an 
duine  glan  air  son  a'  ghnothuich  seo.  'S 
esan  nach  reic  an  ceartas  agus  nach  goid  do 
choir,  agus  nach  toir  bhuat  do  chuid.  Tha 
e  mar  an  t-6r. 


An  Aird-na-murchann 

Le  Alasdair  Camshron,  Bun-allt-Eachainn,  Aird-ghobhar, 


NACH  minig  a  thainig  feasgar  ciatach, 
grianach,  as  deidh  maduinn  fhliuch  robach  ; 
's  ann  mar  sin  a  bha  'n  uair  dh'fhag  mi 
Cille-chomhghain  feasgar  anns  an  luchar,  a' 
cur  mo  chtu-sa  ris  an  aird-an-ear. 

Bha  coltas  tlachdmhor  air  gach  ni,  is 
fonn  gairdeachais  air  gach  beo-chreutair.  A 
mach  anns  a'  chaol  bha  bataichean  fo  sheol 
mu'm  choinneamh  ;  Beinn  Shianta  an  trus- 
gan  maiseach  an  t-samhraidh.  Ciod  idir 
air  son  an  d'fhuair  i  an  t-ainm,  a'  Bheinn 
Bheannaichte  ?  oir  's  e  sin  a  tha  h-ainm  a' 
ciallachadh. 

Ma  tha  cairdeas  aige  ris  an  Laidionn 
signum,  comharradh  na  crois,  saoil  sibh  an 
robh  cleachdadh  saobh-chreideach  fuaighte 
rithe  anns  na  h-amannan  cian  air  nach  'eil 
m6r  eolas  againn  ? 

Smaoinich  mi  gur  iomadh  atharrachadh 
a  chunnaic  agus  a  ghabh  i  comhpairt  ann 
bho  laithean  Muchdragan  fhein.  Mu  thimch- 
ioU  C3ud  bhadhna  air  ais  bha  tuath-cheatharn 
'g  a  h-aiteach  ;  ach  thainig  latha  doilgh- 
easach  an  fhograidh  ;  sgaradh  chairdean  is 
bristeadh  theaghlaichean  a  dheanamh  aite 
do  na  caoraich  bhana.  Ann  an  uine  ghoirid 
bha  i  mar  thubhairt  am  bard,  gun  aiteach 
air  a  b-uachdar.  Thainig  a'  cbeist  chudth- 
romach  a  chuir  e  ris  an  luchd-foirneirt  fa 
chomhair  m'inntinn ; 
"An    ceannaich    thu    le    beartas    trocair, 

Nuair  bheir  Righ  nan  gras  do  dhuais  dhut  ? ' ' 

Agus  an  fhreagairt. 
"B'fhe^rr    dhuit    beannachdan    an    fheu- 
maich, 

Gridhe  deurach  'g  an  cur  suas  dhuit." 


Suas  ri  leth-cheud  bliadhna  lean  meas  air 
a'  chaora,  ach  thainig  uachdaran  ilr  leis  am 
bu  mhiann  an  t-sealg,  agus  chaidh  am  fiadh 
a  chur  'na  h-aite.  Uaith  sin  chaidh  car  eile 
an  adharc  an  daimh,  mar  thubhairt  an  sean- 
fhacal,  is  an  diugh  tha  crodh  is  caoraich  air 
leacainn.  Faodaidh  na  forsairean  a  radh  mar 
thubhairt  Donnchadh  B4n,  gu'n  tug  an 
saoghal  car  asda. 

Ged  nach  robh  ann  ach  an  t-Iuchar  samh- 
raidh  bha  am  fogharadh  cheana  air  teachd  ; 
ruchdan  feoir  an  Tbm-a-chrochair. 

Tha  an  t-ainm  so  a'  cumail  air  chuimhne 
'n  uair  bu  laid  ire  tignearna  na  tuath,  agus  a 
bha  moran  de  chumail  an  lagha  an  lamh  an 
Mhic  Iain,  Aird-na-murchann. 

Bha  iad  air  aghaidh  gu  math  leis  an  fhiar 
's  a'  Chaimp.  Tha  so  an  lamhan  an  uach- 
darain,  am  Morair  Trent ;  is  gu  dearbh  bha 
coltas  deagh  bharr  ann.  'S  ann  gu  h-iosal 
fodlia  so  tha  Coire-MhuULuin  far  an  robh 
am  bard  ainmeU,  Alasdair  Mac  Mhaighstir 
Alasdair,  'na  mhaighstir  sgoUe.  Cha  robh 
tuarasdal  a  shaothrach  mor  an  ciiineadh. 

'S  e  Allt  Chohe  Mhuillinn,  AUt  an  t- 
Siucair  aig  a'  bhard,  agus  gu  dearbh  's  math 
a  mhol  e  i. '  Tha  taladh  aig  torghan  an  uillt 
air  aigne  an  duine  co-dhiu  tJaa  e  'na  bh^rd 
's  nach  'eU. 

Bho'n  Chaimp  gu  ruige  Bealach-a-Bhear- 
nais  cha  robh  fo  m'  chomhair  ach  monadh 
lom,  ach  an  sin  thainig  Loch  Suaineart  's 
an  t-sealladh,  is  beanntan  is  glinn  na 
Marairne.  Bha  mi  nis  an  tir  nan  camus  's 
nan  gleann,  Camus-na-geall,  Camus  ban,  is 


AN  AIRD-NA-MURCHANN 


Camus  fearna  ;  an  Gleann  Mor,  an  Gleann 
beag,  is  Gleann-borradail. 

Tba  seann  chladb  beag  far  an  robh 
Caimbeulich  Loch-nan-Eala  air  an  tiodb- 
lacadh  nuair  bba  Aird-na-murchann  aca 
ann  an  Camus  na  geall*;  ar  leam  gur  e 
Cladb  Cbiarain  a  their  iad  ris.  Eadar  an 
Camus  so  agus  Aird-sliginnis  tba  tobar 
Chaluim  Chille,  far,  reir  beul-aithris  nan  sean 
daoine,  an  tug  e  uisge  as  a'  chreig  a  choimh- 
lionadh  sacramaid  a'  bhaistidh. 

Na'n  do  chuir  sluagh  an  latba  diugh  uia,d 
earbsa  ann  an  cumbaohd  a'  Chruitheir  agus 
Slanuighear  na  beatha  's  a  chuir  muinntir  na 
h-airde  an  lar  so  ann  an  latha  Chaluim 
Chille  caomh,  cha  bhiodb  a'  ctreud  mi- 
chneasda  Communism  's  an  Roinn  Eorpa. 

Air  an  fheasgar  aluinn  so  bha  gach  sealladh 
nuas  ri  taobh  Loch  Suaineart  bho'n  ghleann- 


mhor  da-rireadh  taitneach  do'n  t-sMl.  Laga 
agus  Dunghallain,  Camus-aonghuis  is  Camus- 
torsa,  gu  ruige  an  SaUean,  agus  an  sin  glacan 
boidheach,  monaidhean  aluinn  's  coilltean 
ciibhraidh  Shuaineart  dubhghorm  a'  bharr- 
aich.  Dealbh  maiseach,  iomadathach,  muir. 
mointeach,  monadh,  coille  agus  fonn  a'  cur 
ris  an  dreach  's  an  dealbh. 

Nach  bochd  am  measg  gloir  na  speur  's  an 
t-saoghail  gu  leir  gu'm  feum  sinn  a  bhi  a' 
connspoid  's  a'  stri  ;  nach  b'fhearr  gu  mor 
na'n  dubhairt  sinn  ri  cheUe 

"  Ged  tha  m'eideadh-sa  molach, 
Is  t'eideadh-sa  min, 
Mise  'g  61  uisge  agus  thusa  'g  61  fion, 
Cridheachan  tairis  tha  againn  a  ghnath, 
Is  braithrean  sinn  uile 
Fair  dhomhsa  do  l^mh." 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Iain  Meinnearach,   Tobar- 
Mhoire 

BHA  sinn  duUich  a  chluinntinn  gu'n  do 
chaochaU  seana  mhinistear  Thobar-mhoire 
ann  an  December,  duine  ciallach  reidh  air 
an  robh  meas  mor  aig  a  choimhthional  agus 
aig  a  bhraithrean  anns  a'  Chleir. 

Bhuineadh  e  do  sgir  Dhul  am  Peairt ; 
bha  e  air  oileanachadh  an  Cill-rimbinn,  agus 
an  deidh  dha  a  bhi  beagan  bhliadbnachan 
'a  a  fhear-cuideachaidh  anns  a'  Cheannmhor, 
ann  an  Lagan-mo-Choid,  agus  ann  an 
Wishaw,  bha  e  air  a  shuidheachadh  ann  an 
Cill-Bhrighde  an  1906.  Cha  d'fhan  e  ann 
an  Cni-Bhrighde  ach  da  bhliadhna  ;  chaidh 
e  do  Sgibinnis  an  1908,  agus  a  Sgibinnis 
chaidh  e  do  Ste6rnabhagh  an  1913.  An  sin 
thainig  an  cogadh,  agus  bha  e  greis  air  falDh 
leis  an  arm  mar  mhinistear-feachd,  ach  an 
uair  a  bha  an  cogadh  seachad,  cha  d'fhan  e 
ach  bliadhna  ann  an  Ste6rnabhagh,  is  chaidh 
e  do  Thobar-mhoire  an  1919,  far  an  do 
choimhlion  e  le  tlachd  dha  fhein  agus  d'a 
mhnaoi  a  chuid  a  b'fhearr  d'a  mhinistreal- 
achd. 

Bha  e  'n  a  chleireach  aig  Cleir  MhuUe, 
agus  eadar  1920  agus  1935,  an  uair  a  bha 
bearnan  a'  tighinn  gu  trie  ann  an  sgirean  a 
bha  farsuing  agus  duilich  faotainn  chuca, 
bha  e  'n  a  chiil-taice  laid  ir  do'n  Chleir.  An  uair 
a  th6isich  e  air  riaghlaireachd  dh'abuich  e 
ann  an  uine  ghoirid  ;  an  neart,  am  misneach, 
an  gUocas. 

Bha  6  p6sda  is  aon  nighean  de  theaghlach 
aige.  Bha  bean  laghach  aige,  aig  an  robh 
ealain  sh6nruchte  air  sgriobhadh,  agus  a  bha 


dealasach  is  dichioUach  ann  an  Guild  nam 
ban  anns  an  eaglais. 

Anns  na  bladhnachan  mu  dheireadh  cha 
robh  an  slainte  le  cheile  ro  mhaith,  is  leig  e 
dheth  uallach  a'  choimhthionail  na  bu 
traithe  na  bheireadh  an  fhior  aois  air  a 
dheanamh.  Bha  e  tri  fichead  's  a  seachd  deug. 
Bha  Tobar-Mhoire  daonnan  fortanach 
a  thaobh  nam  ministearan  a  bha  ann ; 
ministearan  a  bha  'n  an  daoine-uaisle  agus 
air  an  robh  coslas  an  dreuchd,  agus  aig  an 
robh  talantan  a  dh'iomadh  se6rsa  ;  cuid 
dbiubh  sgoilearachd,  cuid  dhiubh  teagasg, 
agus  cuid  dhiubh  riaghlaireacnd,  ach  iad  uile 
OS  cionn  a'  chumantais — -Uilleam  Sutharlan, 
Donnchadh  Camshron,  Paraig  Mac  Griogair, 
Niall  Ros,  Iain  Mac  DhtighaUl,  Iain 
Meinnearach,  agus  a  nis  UUleam  Mac 
Mhathain,  sgoilear  Gaidhhg  cho  maith  's  a 
tha  am  measg  nam  ministearan  6ga  ann 
an  Eaglais  na  h-Alba. 

Eachann  Uisdean  Mac  Coinnich,  J.P.,  F.S.A. 

(Scot.) 

A  thaobh  a  dhreuchd  bha  Eachann  Mac 
Coinnich  de  sheorsa  dhaoine  air  nach  robh 
riamh  meas  mor  anns  a'  Ghaidhealtachd, 
no  idtr  idir  gaol  aig  an  t-sluagh  orra,  na 
baUlidhean.  Ach  bha  esan  ann  an  sreath 
dha  fhein,  agus  dh'  fhaodadh  muinntir 
Uidhist-a-Tuath  a  radh  uime  mar  bha  air  a 
radh  mu  Mhordecai,  "  gu  robh  e  mor  am 
measg  na  tuatha,  agus  taitneach  do  mhor-' 
chuideachd  a  bhraithrean,  ag  iarraidh  maith 
d'a  shluagh,  agus  a'  labhairt  sith  r'a  shliochd 
uile."    Bha  an  da  chuid  meas  agus  gaol  aig 


AIG  AN  UINNEIG 


daoine  ann  an  Uidhist  air  Eachann  Mac 
Coinnich,  oir  bha  e  fhein  'n  a  dhuine  ceart 
agus  'n  a  dhuine  iochdmhor  agus  'n  a 
fhear-duthcka  maith. 

Mac  do  Iain  Tolmach  Mic  Coinnich,  a 
bha  'n  a  bhaillidh  air  oighreachd  MhicLeoid 
anns  an  eilean  Sgitheanach,  rngadh  e  an 
Diin-bbeagein,  an  1867.  Bha  e  anns  an 
sgoil  an  Diin-eideann,  ach  'n  a  bhliadhna  ar 
fhichead  fhuair  e  a  bhi  'n  a  bhaiUidh  air 
Uidhist-a-Tuath,  agus  o'n  la  sin  gus  an  do 
leig  e  dheth  a  dhreuchd  an  1934,  b'e  Uidhist 
a  dhachaidh  agus  muinntir  Uidhist  a  diiaoine 
fhein.  Cha  robh  Bord  ann  an  Uidhist  no 
anns  an  t-siorramachd  air  nach  robh  e,  no 
dad  a'  dol  air  aghaidh  anns  an  eilean  anns 
nach  robh  lamh  aige,  oir^ha  bu  mhi-thoigh 
leis  riaghlaireachd,  ach  'n  a  uile  riaghlair- 
eachd  bha  e  anabarrach  ceart  agus  coguiseach 
agus  curamach  agus  ghc.  Bha  e  'n  a  aon  de 
phuist'na  h-eaglais  an  Uidhist-a-Tuath,  agus 
'n  a  charaid  maith  do  Mhaighstir  Domhnull. 

Is  ann  an  deidh  dha  tighinji  a  dh'fhuireach 
do  Dhiin-eideann  a  fhuair  raise  eolas  air,  mar 
bu  trice  a'  tachairt  ri  cheile  aig  na  coinn- 
eamhan  a  bhios  aig  Comunn  Gaidhealach 
na  h-eaglais,  agus  anns  an  obair  sin  bhithinn 
a'  toirt  an  aire  cho  curamach  's  a  bha  e  'n  a 
bhruidhinn,  gun  a  bhi  labhairt  an  cabhaig 
no  mu  thuaiream  uair  air  bith.  Bha  e  'na 
sheanchaidh  maith,  agus  eolas  farsuing  aige 
air  daoine  agus  nithean  a  bhuineadh  do  'n 
Ghaidhealtachd  agus  do  na  h-Eileanan,  ach 
b'e  sloinntearachd  fior  thobar  a  sholais,  agus 
chuala  mi  o  dhaoine  eolach  gu  robh  e  aaa- 
barrach  fiosrach  anns  an  t-saoghal  thioram 
agus  mharbh  sin. 

Fior  dhuin-uasal  'n  a  chainnt,  agus  'n  a 
dhoighein,  agus  'n  a  fnaireachduin,  b'e  sin 
seana  bhaillidh  Uidhist. 

Garradh  a'  Mhanse 

B'  AITHNE  dhomh  ministear  a  bhiodh  a' 
toirt  cead  do'n  oigridh  a  bha  anns  a'  choimh- 
thional  aige  dol  a  chluich  tennis  ann  an  garradh 
a'  Mhanse  da  fheasgar  's  an  t-seachduin  fad 
an  t-samhraidh.  Bhiodh  mu  eheithir  deug 
dhiubh  a'  dol  ann,  balaich  agus  caileagan 
eadar  coig  deug  agus  fichead. 

La  a  bha  mi  a'  bruidhinn  ri  Cleireach  an 
t-Seisein  aige  dh'fhaighnich  mi  dheth  am 
biodh  oigridh  an  tennis  a'  tighinn  do'n  eaglais, 
ach  chrath  e  a  cheann,  is  fhreagair  e,  "  Chan 
urrainn  mi  a  radh  nach  fhaea  mi  aon  no  dha 
djbiubh  uair  no  uaireigin  anns  an  eaglais, 
ach  chan  fhaca  mi  a'  chuid  as  motha  dhiubh 
an  taobh-a-stigh  a'  gheata  o  bha  iad  's  an 
sgoil  Shabaid." 


"  Cha  b'urrainn  sin  tachairt  anns  an 
duthaich  as  an  d'thainig  mise,  na  h-Eileanan 
an  lar,"  thuirt  mi  ris,  "  oir  ged  nach  biodh  an 
oigridh  dad  na  bu  ghaolaiche  air  aoradh  no 
searmon  na'n  fheadhainn  agaibh-se  tha  de 
mhodh  agus  de  shuairceas  annta  gu  nadurra 
's  nach  deanadh  iad  rud  cho  maol  no  cho 
neo-mhothachail  's  a  rinn  'ur  n-6igridh-se. 
Rachadh  iad  do'n  eaglais  ged  b'ann  a  mhain 
air  son  a  leigeil  fhaicinn  do'n  mhinistear  gu 
robh  iad  'n  a  chomain." 

"  Dheanadh  iad  sin  an  so  cuideachd 
uaireigin  de  'n  t-saoghal,  ach  cha  dean  iad 
a  nis  e,"  ars  esan  ;  "  gabhaidh  an  oigridh  na 
bheir  thu  dhaibh  mar  gu'n  robh  coir  aca  air, 
agus  nach  robh  feum  annad-sa  no  annam-sa 
ach  a  fhrithealadh  dhaibhsan,  agus  a  thoirt 
dhaibh  gach  rud  a  bu  mhaith  leo  a  bhi  aca, 
gun  saothair  no  dragh  dhaibh  fhein." 

Cha  do  lean  mi  an  seanchas  na  b'fhaide, 
oir  is  e  seana  mhaighstir-sgoile  a  bha  ann  an 
Cleireach  an  t-Seisein,  agus  bha  eagal  orm 
gu'm  faodainn  a  radh  nach  'eil  na  sgoilean 
fhein  gun  chionta  anns  a'  chtiis  so. 

Cluicheachd 

Ach  ciod  air  bith  mar  tha  na  sgoilean,  tha 
fhios  agam  gu  bheil  cuid  mhaith  de  na 
ministearan  a  bhiodh  a'  bodhradh  dhaoine 
aon  uair  mu'n  oigridh,  agus  na  bu  choir  do'n 
eaglais  a  dheanamh  air  an  son,  ag  atharrach- 
adh  am  beachd  a  nis,  a  chionn  nach  'eil  iad  a' 
faicinn  gu  robh  buannachd  spioradail  do'n 
eaglais  ann  an  aon  as  an  deich  de  na  h- 
innleachdan  a  bha  iad  a'  pleachdadh  a 
thaladh  na  h-oigridh. 

Gabhaidh  an  oigridh  gu  toileach  ris  na 
cuirmean  agus  na  luth-chleasan  a  thatar  a' 
toirt  dhaibh,  tennis  agus  badminton,  dealbhan 
agus  dain-chluichean,  abhacas  agus  dibh- 
eajsoin,  ach  mur  bheil  iad  a'  faotainn  agus 
a'  gabhail  ri  tiodhlac  as  fhearr  na  gin  dhiubh 
sin,  bha  cho  maith  de'n  fheadhainn  a  tha 
air  an  ceann  a  bhi  'n  an  cadal. 

Cha  chreutairean  clann  a  tha  dealaichte  o 
dhaoine  eile  ;  chan  'eil  mughadh  air  bith 
eadar  iad  agus  an  corr  de'n  choimhthional 
ach  a  mhain  gu  bheil  iad  na's  oige  agus 
theagamh  na's  nadurra  agus  na's  beachdaile. 
Mar  sin  cha  bu  choir  dhuinn  a  bhi  'g  an 
dealachadh  o'n  trend,  no  a  bhi  'g  an  cur  ann 
am  fang  dhaibh  fein,  ach  leigeil  leo  ruith 
comhla  ri  am  mathraichean,  an  comunn  nan 
inbheach  agus  ann  an  comh-fhlaitheachd  na 
h-eaglais.  Is  fhearr  do'n  oigridh  saorsa  na 
ciobaireachd,  leintean  farsuing,  agus  cothrom 
air  an  eanchainn  fhein  a  chleachdadh  air 
cuairt  an  t-saoghail  agus  diomhaireachd  agus 
miorbhuilean  a'  chruthachaidh. 


Aireamh  2 


1949 


Bann  na  foirbheachd 

LeAs  an    Urraniach   Calum  MacGilleathain,M.A. 
Agus  thar  na  nithean  so  idle  ndribh  umaibh  gradh." — Col.  iii,  14. 


IS  e  Dia  a  bhi  'na  gradh.  carraig  ar  dochais. 
Is  neonach  leam  mar  a  flxreagair  diadliairean 
Westminster  a'  cheist,  "  Ciod  e  Dia  ?  "  an 
"  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist,"  agus  a 
dh'f  hag  iad  an  dearbh  ni  seo  gun  aireamh  anns 
an  fhosgladh.  Chaidh  iad  cho  dluth  air  ri 
"  maitheas."  Is  ann  an  gradh  Dhe  a  tha  ar 
muinghin.  Tha  sin  a'  dol  nas  duimhne  na 
trocair  agus  nas  airde  na  maitheas.  Tha 
gradh  an  nadur  Dhe.  Is  e  an  gradh  a  bhi 
an  nadur  athar  a  chum  dorus  fosgailte  aig 
"  a  mhac  a  b'oige."  Is  iomadh  ni  eile  a 
dh'fhaodadh  a  bhi  aig  athair  ach  siud  an 
dearbh  ni  a  chum  e  gun  dorus  duinte  air  a 
shroin.  Cha  b'e  siud  a  thoill  e  ach  a  dhearbh 
chaochladh.  Tha  e  duihch  do'n  duine  a 
chreidsinn,  no  thuigsinn,  gur  ann  air  thailibh 
ni  a  tha  'na  nadur,  na  gne  shiorruidh  fein, 
a  tha  Dia  a'  tearnadh.  Lionadh  spiorad  is 
anam  is  inntinn  Phoil  le  ioghnadh,  agus 
lionadh  a  chridhe  le  buidheachas  buan,  an 
uair  a  chreid  is  a  thuig  e  sin.  Seo  an  soisgeul 
a  reir  losa  Criosd.  B'e  creidimh  Phoil  gun 
robh  Dia  cosmhuil  ri  a  Mhac,  aon-ghin  Mic, 
losa  Criosd.  Agus  b'e  sin  teagasg  an  t- 
Slanuighear,  a  reir  Eoin. 

Agu.s  bu  choir  gum  biodh  gradh  'na  comh- 
arra  san  eaglais  air  a  ceangal  ri  Criosd,  air 
gum  buin  i  dha,  agus  air  gu  bheil  a  spiorad 
innte,  inntinn  innte,  a  nadur  innte,  gu  bheil 
compairt  aice  an  nadur  na  diadhachd.  Tha 
Pol,  agus  chan  ann  an  aon  aite,  a'  deanamh 
soilleir  duinn  gu  bheil  e  mar  fhiachaibK  oirnn 
a  bhi  gradhach.  Faodaidh  moran  a  bhi 
againn,  creidimh,  ilr-labhra,  eolas,  tabh- 
artais,  fein-aicheadh,  agus  fein-iobairt  ach 
as  eugmhais  graidh  chan  'eil  sinn  ach  gearr 
air  an  ni  bhuineadh  dhuinn  a  bhi.  Tha  sinn 
fada  o  bhi  ceart.  Tha  sinn  'nar  falamhachd. 
Tha  easbhuidh  oirnn.  Mur  'eil  gradh  aig 
Criosdaidh  do  Chriosd  is  e  binn  Phoil,  "  biodh 
e  as."  Air  an  taobh  sin  dheth  tha  an  criosd- 
aidh a'  caoidh  cho  beag  agus  a  tha  a  gradh 
fein,  agus  is  ann  aige  tha  an  t-aobhar.  Is  i 
an  aithne  araidh  a  dh'fhag  an  Tighearna  aig 
an  Eaglais,  daoine  bhi  gradhach,  daimheil 
agus  blath-chridheil  ri  gach  a  cheile.  Sin-  an 
aithne   air   an   tugadh    "  an   t-aona    aithne 


deug."  Agus  CO  is  urrainn  a  radh  gu  bheil  i 
soirbh  a  coimhlionadh  agus  nach  'eil  feum, 
gach  latha  is  uair,  aig  daoine,  air  a  bhi 
tou't  geill  dhi  ?  Tha  Pol  ag  innseadh  do  na 
Colosaich  gur  e  an  ni  seo,  anns  na  creidmhich, 
ceangal  no  bann  na  h-iomlanachd.  Is  e 
"  coimhcheangal  na  foirfeachd  "  an  t-eadar- 
theangachadh  a  tha  againn  air  a'  Ghreugais 
anns  a'  Bhiobull  Ghaidhlig.  Is  e  dual  no 
bann  no  ceangal  no  lino  a  tha  ann. 

Is  iomadh  sin  rud  a  bhios  a'  deanamh 
snaim  is  ceangal  timcheall  air  daoine,  a 
chumas  iad  cuideachd.  Rugadh  is  thogadh 
mise  an  eilean  mara  agus  bu  mhor  an  cearcal, 
agus  bu  bhuadhach  an  cuan  e  fhein!  Nidh 
an  aon  chainnt  ceangal  nach  beag  am 
measg  dhaoine.  Nidh  rudan  eile  an  aon 
seorsa  dhinn,  ach  is  e  an  gradh  am  bann  as 
fhearr  a  tha  againn  ann.  Is  e  am  bann  as 
buaine  agus  is  e  am  bann  as  mine.  Is  e  am 
bann  as  cumhachdaiche  agus  is  e  am  bann  as 
caoine.  Tha  mi  an  diiil  gur  h-e  Seumas 
Urramach  Mac  Naoimhein,  agus  e  sear- 
monachadh  air  Salm  118,  27,  a  thuirt  gur  e  an 
gradh  cord,  no  dual,  bu  treise  de  na  cord 
aibh  a  cheangail  Criosd  ri  adhaircibh  na 
h-altrach,  crann-ceusaidh  Chalbhari,  agus  gun 
robh  an  ceangal  sin  cho  eutrom  is  cho  min  ri 
snathlain  sioda.  Far  'eil  gradh  chan  'eil  ealach 
'na  uallach.  Far  'eil  gradh  chan  'eil  posadh 
'na  chuing  ;  agus  far  'eil  gradh  cha  ghearain 
m athair,  is  i  slan,  air  a  leanabh  a  bhi  'na 
ealach.  Cha  dean  ni  an  obair  a  nidh  gradh 
anns  an  dearbh  dhoigh  anns  an  dean  gradh  i. 
Ged  a  b'e  diirachd  e  agus  ged  a  b'e  dleasdanas 
e,  agus  is  mor  iad  le  cheile,  agus  is  iomadh 
gniomJi  mor  a  rinn  daoine  leotha  agus  air  an 
sgath,  cha  tig  iad  a  chaoidh  suas  ri  gradh. 
Tha  iad  uaireannan  maith  ak  coiseachd,  agus 
aig  amannan  cho  slaodach  ris  an  t-seilicheig. 
Ruithidh  gradh,  agus  tha  sgathan  aige.  Rinn 
gradh  do  lacob  bliadhnaichean  nan  laithean. 
Theid  na  laithealn  'nam  bliadhnaichean  air 
Durachd,  Dicheall  is  Dleasdanas.  Cumaidh 
buanachd  is  cosnadh  luchd-comuinn  comhla, 
ach  faodaidh  iad  a  bhi  gle  shearbh  de  gach 
a  cheile,  agus  gle  choma,  anns  an  dearbh 
chro.    Dh'fhag  fear  de  na  baird  Shasannach 


BANN  NA  FOIRBHEACHD 


againn  d^n  agus  pearsachan-eaglais  cho 
dluth  do  cheile  agus  a  dheanadh  tigh,  is 
bord  e  agus  bha  fear  aca  aige  a'  malachadh 
do  "  bbr^thair  "  fo  anail.  Sealladh  oillteil 
an  eadh  ?  Gu  dearbh  is  eadh.  Ach  c6  an 
eaglais  as  urraijin  an  cionta  a  chur  a  mach 
air  a  dorsan  ?  Feuch  an  caineadh  agus 
an  droch-cliti  agus  an  sganal  leis  a  bheil 
daoine  a'  feuchainn  ri  daoine  eile  a  mhilleadh. 
An  e  sin  moran  as  fhearr  ?  Chuala  mi 
Bantracb  Aongbais  Bhain,  a  bha  am  Marruig 
anns  na  Hearadh,  agus  i  aig  aois  a  bhi 
tighinn  gu  deugachadh  air  ceithir  fichead, 
tha  mi  an  duil,  ag  radb.  agus  daoine  bruidh- 
eann  'na  b-eisdeacbd  gu  taireil  air  duine  eile, 
"  Chan  'eil  e  'na  ioghnadh  na  coin  a  bhi 
bideadh  a  cheile  ach  is  e  rud  neonach  a 
bhiodh  ann  nam  biodh  na  h-uain  a  bideadh 
a  cheile."  Na  "h-uain"  bhochda !  An 
uair  a  bhios  daoine  anns  an  aon  tigh- 
aoraidh  agus  air  an  aon  suidheachan  agus  iad 
a'  fuathachadh  a  cheile  tha  iad  dltith  gu 
leoir  do  gach  a  cheile  ach  feuch  cho  sgapte, 
briste  sgaoUte,  tearbte  agus  a  tha  iad  air 
son  sin  dheth.  Gleidhidh  an  cruinne-ce  na 
h-eaglaisean  uile  ach  tha  cion  graidh  'g  am 
fagail  'n  an  coigrich  do  chach  a  cheile,  an 
deigh  sin,  roinnte,  amharusach,  beag. 


Cuiridh  cuid  eaglais  an  aite  graidh.  Tha 
feum  air  tighean-aoraidh  is  teampuill.  Ach, 
mo  thruaighe,  nach  bronach  mar  a  chuir 
coimhstri  mu  eaglaisean  sgaradh  eadar 
braithrean  ?  Ceist  nan  ceist  do  chuid — 
"  eaglais  ?  "  Agus  mur  'eil  thu  anns  an 
eaglais  agam-sa  tha  thu  mach !  Fhuaradh 
an  creud  sin  anns  an  Roimh  agus  an  Ronaigh  ! 
Agus  is  eiginn  aideachadh  gu  bheil  toradh  nan 
coimhstrithean  a  rinneadh  mu  eaglaisean  gu 
minic  searbh.  Chan  'eil  an  toradh  mills  do'n 
bhlas.  Anns  a'  Ghaidhealtachd  seo  againne 
rinn  cathan  is  comhragan  air  sgath  eaglaisean 
rud  a  dh'fhairtlich  air  na  Caimbeulaich  a 
dheanamh  ri  linn  nan  creach.  Roinn  iad 
muinntir  diithcha  is  bailtean  nan  luehd  cur 
catha  air  a  cheile.  Chuir  iad  eadar  braithrean 
is  peathraichean,  eadar  athraichean  is  clann. 
Ce  lion  eaglais  a  bha  an  eUean  as  aithne 
dhuit  agus  a  bha  am  baile  air  am  b'eolach. 
thu  1  Agus  de  an  toradh  a  thaini^  asda  1 
Cuid  dheth,  a  dhuine,  gun  robh  farmad  is 
fuath  a'  neadach  far  am  bu  choir  gradh  a 


bhi.  Droch  mhanadh.  Bu  ledir  a  leth. 
Tri  eaglaisean  far  an  deanadh  a  h-aon  a' 
chuis  ro-mhaith,  agus  an  gradh  brathrail  air 
chall !  0,  cuin  a  thuigeas  daoine  an  call  ? 
Ma  tha  dad  agad  an  aghaidh  do  bhrathar 
dean  do  reite  ris,  agus  an  sin  rach  air  d'aghart 
a  dh'ionnsaich  na  h-altarach.  "  Bi  air  ttis 
reidh  ri  do  bhrathair."  Tha  daoine  aig 
amannan  a'  cur  eaglaisean  an  aite  na  h- 
Eaglais  ;  agus  faodaidh  teampull  teachd  gu 
bhi  'na  iodhol-aoraidh  a  cheart  cho  cinnteach 
ri  nathair-umha. 

Tlia  iad  ann  a  bhios  riaraichte  le  bhi 
bruidheann  mu  ghradh  an  aite  bhi  da  riribh 
gradhach.  Chunnaic  sinn  daoine  agus  a 
"  ghaoil  's  a  ghraidh  "  aca  ri  gach  seorsa. 
Bha  cuid  aca  sin  agus  chan  earbadh  tu  do 
chruach  mhona  riutha.  Bha  fhios  agad  nach 
robh  aca  ach  cleas  na  teangann.  Thachair 
dhomh  a  bhi  uair  cuide  ri  ceann  coimhthion- 
ail.  Sgithich  e  mi  le  bhi  bualadh  sios  a 
dhaoine  fein.  An  deigh  sin  chunnaic  mi  e 
a'  seasamh  air  am  beulaibh  agus  ag  radh. 
"  Mo  chairdean  gradhach."  Cha  robh  an  da 
rud  a  reir  a  cheile  ceum,  abair  nach  robh. 
Chan  'eil  teagamh  nach  teid  aig  fior-ghradh 
air  or  an  a  dheanamh  dhuit.  ■  Ach  is  cinnte- 
ach, mar  an  ceudna,  gu  bheil  am  fior- 
ghradh,  gu  minic,  mar  a  tha  am  bron  samh- 
ach,  tosdach,  balbh.  Chuala  sinn,  "  duine 
coir  ach  na  iarr  a  chuid."  An  uair  a  bhios  an 
gniomh  gradhach  a  dhith  de  a  tha  an  cainnt 
mu  gradh  ach  gaoth  fhuar  an  an-moich  ?  Is 
ann  air  a  thoradh  a  dh'aithnichear  gradh. 
Is  e  a  thoradh  daoine  gradhach,  daoine 
coire,  daoine  pailt-lamhach,  daoine  uasal 
'nan  deiligeadh  ri  daoine  eile,  daoine  mor- 
chridheach  is  daoine  teo-chridheaeh.  Is  ann 
de'n  t-seorsa  a  bha  athair  nan  creidmheach, 
Abram.  Is  ann  de'n  t-seorsa  bha  Barnabas 
agus  is  ann  de'n  t-seorsa  bha  Eoin,  Tha  e 
iomchuidh  a  bhi  reidh  agus  a  bhi  cairdeil, 
daimheU,  coir,  uasal ;  agus  is  e  an  gradh  a 
nidh  daoine  mar  sin.  "  Biodh  miann  diirachd- 
ach  nan  tiodhlacan  as  fearr  oirbh  :  gidheadh 
nochdaidh  mise  dhuibh  slighe  as  ro-fhearr." 

"  Agus  a  nis,  mairidh  creidimh,  dochas, 
gradh  na  tri  nithean  seo  ;  ach  is  e  an  gradh 
as  motha  dhiubh  seo."  Is  motha  na  dochas ! 
Is  motha  na  creidimh ! 

Is  ann  de'n  t-seorsa  bha  Eoin !  Ach  nach 
e  losa  o  Nasaret  e  fhein  Righ  na  Ciiise  ? 


Anns  a'  Chathair 


LE  fabhar  agus  gean-maith  mo  charaid,  an 
t-Urramach  Domhnull  Mac  Fhionghuin,  Ard- 
Sheanchaidh  agus  Ard-Shloinntear  nan  Eil- 


eanan,  fhuair  mi  iasad  de  leabhar-sgriobh- 
aidh  a  bhuineadh  aon  uair  do'n  Urramach 
Iain    Mac    Fhionghuin,    M.A.,    a    bha    'na 


ANNS  A'  CHATHAIR 


mhinistear  an  Sleibhte  o  1812  gu  1825, 
agus  'n  a  dheidh  sin  anns  an  t-Srath,  far  an 
do  chaochail  e  an  1856. 

Cha  mhor  nach  robh  an  teaghlach- 
mhinistearan  so  cho  ainmeil  ri  teaghlach- 
mhinistearan  na  Morairne,  agus  cha  b'e 
Maighstir  Iain  am  fear  bu  mhiosa  dhiubh. 
Ciod  an  com.harradh  no  an  dearbhadii  a 
b'fhearr  a  dh'iarradh  tu  air  a  chliu  mar 
dhuine  agus  mar  mhinistear,  agus  air  an 
t-seasamh  a  bha  aige  am  measg  an  t-sluaigh, 
na  gu'n  do  chtim  e  coimhthional  mor  an 
t-Sratha  ri  cheile  ann  an  teas  an  Dealachaidh. 

Bha  dha  dheug  de  theaghlach  aige  ; 
seachdnar  luhac  agus  coignear  nighean  ; 
sgaoil  na  mic  an  sgiathan  air  feadh  an  t- 
saoghail,  is  choisinn  iad  cliu  dhaibh  fhein 
agus  d'an  teaghlach,  agus  do'n  Eilean  a 
dh'araich  iad. 

Feumaidh  gu'n  deachaidh  Maighstir  Iain 
do  Cholaisd  an  Righ,  an  Obar-dheadhain, 
gu  maith  6g,  oir  bha  M.A.  aige  'n  a  ochd 
bliadhna  deug,  is  bha  e  air  a  shuidheachadh 
an  Sleibhte  'n  a  shia  bliadhna  fichead,  an 
1812.  Bha  e  tri  fichead  's  a  deich  an  uair  a 
shiubhail  e. 

Thoisich  e  air  sgriobhadh  anns  an  leabhar 
so  ann  an  1815,  bliadhna  Waterloo,  ach  ged 
nach  do  chuir  e  moran  ann,  chithear  ann  an 
seorsa  teagaisg  a  bhiodh  e  a'  toirt  do'n 
t-sluagh,  gu  sonruichte  an  uair  a  bhiodh .e  a' 
frithealadh  Sacramaid  Suipear  an  Tighearna, 
agus  na  h-urnuighean  a  bhiodh  e  a'  deanamji. 
Bha  na  searmoin  agus  seirbhisean  na  h- 
eaglais  ann  an  1815  na  b'fhaide  na  tha  iad 
an  diugh,  agus  mar  sin  chan  fhaod  mi  ach 
criomain  bheaga  dhiubh  a  chur  sios  air  an 
duilleig  so.  Is  ann  le  chluais  a  bhiodh 
Maighstir  Iain  a'  litreachadh  na  Gaidhlig, 
ach  ged  tha  e  furasda  gu  leor  na  sgriobh  e  a 
leughadh,  cuiridh  mi  sios  an  so  e  anns  an 
litreachadh  abhaisteach. 

Aig  a'  Bhord 

"  Tha  sinn  a  nis,  a  mhuinntir-chridhe,  a'  dol 
air  ar  n-aghaidh  gu  bhi  tairgsinn  dhuibhse 
an  fhois  agus  an  tamh  sin  a  tha  Criosd  a' 
geaUtainn  dhaibhsan  a  thig  'g  a  ionnsuidh. 
Agus  tha  sibhse  a  nis  a'  tarruing  faisg  air 
tobar  na  beatha  agus  nan  gras,  a  tha  taisb- 
eanta  air  mhodh  corporra  ann  an  Sacramaid 
naomh  na  Suipearach,  an  aon  ordugh  as 
soluimte  agus  as  cudthrom.aiche  a  dh'fhag 
Criosd  ri  f  hrithealadh  againn  an  taobh-sa  de'n 
uaigh,  agus  a  tha  ag  iarraidh  uainn  gu  leir  an 
ciiram  agus  am  faiceall  diadhaidh  as  mo. 
Ach  m'an  teid  mi  na's  fhaide  air  m'aghaidh 
leughaidh  mi  dhuibh  ann  an  /  Corint  xi, 
23-27,  chum  's  gu'm.  faic  sibh  an  t-iighdarras 
a  tha  againn  gu  bhi  frithealadh  an  orduigh 


naoimh  so  aig  amannaibh  araid.  .  .  . 
"  Dh'  fhag  Criosd  Sacramaid  naomh  na 
Suipearach  againn  mar  thaisbeanadh  araid 
air  a  ghaol  dhuinn,  an  uair  a  bha  e  a'  f^gail 
an  t-saoghail,  agus  'g  a  liubhairt  fhein 
seachad  gu  bas  air  son  peacaidhean  a  chinne- 
daonna.  Thoiribh  fa  near  an  t-am  araid 
anns  an  do  dheonaich  e  an  comharradh  so  air 
a  ghaol  fhagail  againn,  eadhon  an  oidhche 
sin  anns  an  do  bhrathadh  e,  an  oidhche  mu 
dheireadh  d'a  bheatha  air  thalamh,  'nuair  a 
chunnaic  e  Neamh  is  Talamh  is  Ifreann  ag 
aontachadh  le  cheile  'n  a  aghaidh  ;  breith- 
eanas  dhaoine  mallaichte  agus  dheamhnan 
a'  tuiteam  air  a  mhuin,  agus  neoil  dhorcha 
fearg  Athar  ullamh  gu  bristeadh  air  mullach 
a  chinn  ;  an  gluasad  geur  inntinn  a  dh'f hull- 
ing e  anns  a'  gharradh,  agus  piantan  do- 
fhulmgach  a'  chroinn-cheusaidh  faisg  air 
laimh.  O,  meud  a  mhaitheis,  iochd,  agus  a 
throcair  do  chlann  nan  daoine  !  gun  iomradh 
aige  air  fhein,  ach  a'  smuaineachadh  air  na 
creidmhich  agus  ag  uidheamachadh  feisd 
carthannais  agus  gaoil  dhaibh  gu  deireadh  an 
t-saoghail.  0,  oidhche  ghlormhor  nach 
dichuimhnichear  am  feasd  ;  oidhche  ghoirt 
do  Criosd  ach  mills  agus  aoibhneach  dhuinne, 
an  oidhche  ghlormhor  a  bha  gu  obair  mhor  ar 
sabhalaidh  a  chriochnachadh,  agus  as  aonais 
nach  soillsicheadh  solus  aoibhneach  an 
t-soisgeil  gu  brath  air  a  a  t-saoghal. 

"  So  an  oidhche  a  dh'aithn'  Criosd  dhuinn 
gun  a  dhichuimhneachadh  am  feasd,  agus 
air  an  aobhar  sin  dh'fhag  e  againn  a'  chuirm 
so  mar  chtiimhneachan  air  a  bhas  agus  air 
fhulangas  fhein  air  ar  son,  agus  gu  bhi  a' 
compartachadh  de  shochairean  glormhor 
Cimahnanta  nan  gras. 

"  0,  a  Chriosduidhean,  so  an  t-am  as  coir 
dhuibh  greim  diongmhalta  a  ghabhail  air 
Criosd  ;  thighibh,  ma  ta,  aim  an  aon- 
fhillteachd  creidimh,  le  dochas  maith  agus 
earbsa  air  son  maitheanas  'ur  peacaidhean, 
agus  sonas  is  slainte  trid  fhulangas  agus 
toillteanas  Chriosd.  Thigibh  le  dochas  agus 
earbsa  'n  a  chumhachd,  'n  a  thoil,  agus  'n  a 
ghealladh  gu  bhur  sabhaladh,  agus  'nuair 
a  tha  sibh  a'  gabhail  na  Sacramaid  smuain- 
ichibh  gu  bheil  sibh  a'  deanamh  ctimhnanta 
follaiseach  soluimte  ris  an  Tighearna  losa 
Criosd,  an  caraid  as  fhearr  a  tha  agaibh  anns 
an  t-saoghal,  a  chuimhnich  oirbhse  'n  'ur 
staid  iosal  thruagh,  an  uair  nach  robh  neach 
sam  bith  eile  ann  a  ghabhadh  truas  ribh,  no 
b'urrainn  furtachd  a  dheanamh  oii'bh.  .  .  . 

"  0,  a  Chriosduidhean,  thigibh  air  adhart 
a  dh'ionnsuidh  a'  Bhiiird  le  gradh  agus 
taingealachd  do'n  Ti  bheannaichte  a  thainig 
cho  toileach  'g  ar  saoradh  .  Tha  a  h-uile  ni 
feumail    uidheamaichte    air    son    feisd    na 


4 


ANNS  A'  CHATHAIE 


bainnse  ;  tha  Fear  jia  bainnse  fhein  deiseil, 
tha  Bord  an  aon  I)ia  bheo  air  a  chuirigeadh  ; 
tha  tobar  na  beatha  fosgailte — tha  a  h-uile 
ni  deiseil  mur  bheil  'ur  cridheachan  fhein 
mi-uidheamaichte,  neo-iompaichte.     ... 

A'  dion  a'  Bhuird 

"  Ceadaichibh  dhorD.h  a  reir  cleachdadh 
riatanach  agus  iomchuidh  rabhadh  a  thoirt 
dhaibhsan  nach  'eU  air  an  cuireadh  a  dh' 
ionnsuidh  a'  Bhuird,  agus  d'am  biodh  e 
iomchuidh  fuireach  air  an  ais,  a  h-uile  neach 
aig  nach  'eil  eolas  air  Dia,  no  tha  'n  an 
naimhdean  do  Chriosd,  no  tha  mi-thoilichte 
le  riaghladh  an  Fhreasdail  agus  leis  an  doigh 
a  dh'  ordaich  an  t-UUe-chumhachdach  an 
cinne-daonna  a  shabhaladh  ;  a  h-uUe  neach 
nach  'eil  deonach  air  gabhail  ri  Criosd  ;  a 
h-uile  neach  a  tha  caitheamh  am  beatha  ann 
an  cleachdadh  peacadh  gnathaichte  air  bith, 
a  tha  an  aghaidh  solus  reusoin,  iarrtus 
coguis,  agus  creidimh,  a  h-uile  neach  a  tha  a' 
leantuinn  an  ana-mianna  fhein  le  srian 
fhuasgaUte  ;  a  h-uUe  neach  a  tha  gabhail 
an  t-saoghail  a  roghainn  air  Dia,  gun  ghaol, 
gun  eagal  an  Tighearna  ;  luchd-mionnach- 
aidh,  mallachaidh,  ciiil-chainidh,  agus  bhreu- 
gan  ;  cealgairean,  daoine  foirneartach  gamh- 
lasach,  farmadach ;  luchd  adhaltranais  is 
luchd-striopachais ;  drongairean,  meirlich, 
agus  daoine  ana-cneasda  a  mheallas  an 
t-ionracan,  no  sgaoileas  lion  roimJi  chas  an 
coimhearsnaich,  .  .  .  na  suidheadh  iad 
sin  aig  bord  an  Tighearna." 

Litreachadh  na  Gaidhlig 

Mar  a  thuirt  mi  cheana  is  ann  le  chluais 
a  bha  Maighstir  Iain  a'  litreachadh  na 
Gaidhlig,  ach  tha  i  furasda  a  leughadh,  oir 
bha  lamh-sgriobhaidh  gle  mhaith  aige,  agus 
ged  tha  na  searmoin  suas  ri  seachd  fichead 
bliadhna  a  dh'aois  tha  a'  chainnt  cho  caomh 
d'am  chluais  's  ged  b'e  Collach,  no  Itheach, 
no  Tirisdeach,  a  bha  a'  bruidhinn  an  diugh 
fhein.  Tha  facail  shonraichte  aige,  agus 
doighean  gramair  agus  litreachaidh  nach  'eil 
agam  fhein,  ach  'n  a  dluth  is  'n  a  h-inneach 
is  e   Gaidhlig  Sgitheanach  Mhaighstir  Iain 


cainnt  choitchionn  na  ctxbaid  an  diugh 
fhathast. 

Thug  mi  an  aire  gur  e  Dhia  a  bhios  aige 
an  aite  Dhe  ;  dhe  bheatha,  dha  bhas,  dhe 
throcair  (h  anns  a  h-uile  aite  anns  an  gabh  i 
cur)  ;  anns  na  bhrathadh  e,  anns  na  ghlacadh 
e  (anns  an  do) ;  chuUe  (neach),  go  (gu),  seo  (so) ; 
lirigadh  (liubhairt),  indrigabh  (enter),  Chrios- 
tiniti  (Chriosduidhean),  graitinn  (ag  radh), 
coinnseas  (coguis),  asnachadh  (aslachadh). 

Tha  e  furasda  a  thuigsinn  o'n  litreachadh 
ciamar  a  bhiodh  e  a'  fuaimneachadh  nam 
facal,  cui  (cubhaidh),  coni  (comhnuidh), 
Criosta  (Criosd),  Croisagh  (Croise),  giari  (ag 
iarraidh),  anamiante  (anamianna),  cheanta 
(cheudna),  fulag  (fulang),  roideamh  (rathad), 
slatadh  (slaite),  niste  (nis)  cuideam  (cud- 
throm)  "  cuideam  na  peanaiste  tha  feith- 
eamh  orra." 

Chan  'eil  e  a'  deanamh  dealachaidh  eadar 
diadhachd  (divinity)  agus  diadhaidheachd 
(godliness),  agus  tha  e  a'  sgriobhadh  ainme 
fhein,  Eoin  Mac  lonmhuinn. 

Ann  an  soisgeul  Lucais  tha  e  sgriobhte, 
"  Biodh  'ur  leasraidh  crioslaichte  mu'n 
cuairt,  agus  'ur  lochrain  air  an  lasadh,"  ach 
's  e  tha  Maighstir  Iain  ag  radh,  "  Biodh  'ur 
maigheanan  air  an  crioslachadh  mu'n  cuairt 
agus  'ur  lampaichean  laiste."  So  am  facal 
"  meidhichean  "  no  "  meidhinnean "  (hip- 
Joints) ;    "  chaidh  e  as  na  meidhichean." 

Bha  tri  buird  aca  an  Sleibhte  ;  bhiodh 
seii'bhis  a'  Chomanachaidh  a'  toiseachadh  le 
Salm  no  le  Laoidh  26, 

0  dhaoine  tartmhor !  thigibh  chum 
sruth  pailt  nan  uisge  bed  ; 

agus  a'  criochnachadh  le  Salm  103, 
0  m'anam  beannaich  thusa  nis 
An  Dia  lehovah  mdr  ; 

Bhiodh  iad  a'  seinn  Laoidh  41  cuideachd, 

'  Nuair  thogadh  suas  an  nathair  phrais 
Le  Maois  's  anfhasach  chruaidh. 

agus  b'e  an  t-Salm  a  bhiodh  aca  aig  a' 
Bhord,  Salm  118,  20 

So  dorus  Dhe  air  'n  teid  a  steach 

na  daoine  cdire  naornh. 


Cor  spioradail  an  Taobh  Tuath 

Leis  an    Urramach   Iain   MacAonghuis,  Ph.D. 


AIR  an  t-seachduin  mu  dheireadh  de 
October,  chruinnich  mu  dha  dhusan  ministir 
agus  aon  eildear  ann  an  "  Dunraven," 
Strath  Pheo-fharain.  Bhuineadh  iad  uile  do 
Sheanadh  Rois,  Chataibh  agus  Ghallaibh. 
Cha    b'ann    air    son    dibhearsoin    ach    air 


son  beachdachadh  aii-  cor  spioradail  an 
Taobh  Tuath  a  chaidh  iad  an  ceann  a  cheUc. 
Bha  an  t-Ollamh  Johnstone  Jeffrey,  ministir 
ainmeil  a  Glaschu,  maille  ris  a'  chuideachd. 
Labhair  e  air  obair  a'  mhinistir,  anns  a" 
chtibaid  agus  am  measg  an  t-sluaigh.    Labh- 


COR  SPIORADAIL  AN  TAOBH  TUATH 


air  e  cuideachd  air  vtrnuigh,  agus  air  an 
t-saibhreas  spioradail  a  tha  mar  shealbh  aig 
gach  Criosdaidh.  ann  an  creideamh,  dochas 
agus  gradh.  Tha  e  eu-comasacli  dhomhsa  a' 
nochdadh  mar  a  ghluais  briathran  an  duine 
chaoimh  so  cridheachan  na  cuideachd. 

Thug  an  t-Ollamh  Donnachadh  Friseal, 
Inbhir-gordon,  seachad  paipear  air  "  Craobh- 
sgaoileadh  an  t-Soisgeil  anns  an  Taobh 
Tuath."  Dh'aidich  sinn  uile  gu'n  robh  a 
bheachdan  l^n  de  smior  a'  ghliocais.  Feum- 
aidh  an  searmonaiche  ceithir  dreuchdan  a 
choimhlionadh.  Tha  e  'na  theachdaire  o 
Dhia ;  a'  giiilan  sgeul  an  deagh  aoibhneis  ; 
feumaidh  e  anma  pheacach  a  ghluasad,  agus 
cuireadh  a  thoirt  dhaibh  gabhail  ri  Criosd  ; 
feumaidh  e  na  Sgriobtuirean  fhosgladli,  agus 
an  ionmhasan  fhoillseachadh  do  anama 
dhaoine  ;  feumaidh  e  aidmheil  agus  teagasg 
na  h-Eaglais  a  mhineachadh  gu  soilleir, 
ordail.  Amis  an  latha  'n  diugh,  chan  'eil 
eolas  aig  an  t-sluagh  air  a'  Bhiobull,  eadhon 
anns  a'  Ghaidhealtachd,  mar  a  bha  aig  an 
athraichean.  Dh'fhalbh  an  Ceasnachadh, 
agus  dhichuimhnich  an  sluagh  teagasg 
Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist.  Air  an 
aobhar  sin,  tha  moran  ann,  gu  h-araidh  am 
measg  na  h-6igridh,  naeh  urrainn  cainnt  an 
t-sea];monaiche  a  thuigsinn.  Tha  e  mar  gu'm 
biodh  e  a'  labhairt  ann  an  teanga  choimhich. 
De,  mar  sin,  a  dh-fheumas  an  soisgeulaiche  a 
dheanamh  ?  Am  bheil  e  mar  fhiachabh  air 
faclan  iira  fhaotainn  agus  a  chleachdadh  an 
aite  "  gairm-eifeachdach,"  "  uchd-mhac- 
achd,"  "  fireanachadh,"  etc.?  Feumar  an 
Soisgeul  a  shearmonachadh  ann  an  cainnt  a 
thuigeas  an  sluagh  ;  ach  aig  an  aon  am, 
feumaidh  e  a  dhearbh  aire  thoirt  nach  caill 
e  smior  an  t-Soisgeil  ann  a  bhi  'ga  chomhdach 
ann  an  eideadh  iir. 

A'  choinneamh-urnuigh 

Am  bheil  a'  choinneamh-urnuigh  anns  a' 
Ghaidhealtachd  an  diugh  cho  beo  'sa  bha  i  ? 
Aon  uair,  bha  cumhachd  spioradail  anns  a' 
choinneamh-iirnuigh.  Bha  i  mar  thobar  de 
dh'uisge  beo  am  meadhon  a'  choimhthionail. 
Ach  dh'  fhalbh  na  laithean  sin.  Nach  tainig  an 
uair  air  son  cum.adh  ur,  agus  dreach  iir  a 
chur  air  a'  choinneamh-urnuigh  ?  Thug  aon 
m.hinistir  dhuinn  iomradh  air  an  doigh  a 
ghabh  esan  air  spiorad  na  h-urnuigh  a 
dhiisgadh  agus  arach  am  measg  a  shluaigh. 
An  aite  na  coinnimh,  rinn  e  com.unn-urnuigh, 
agus  bha  na  buill  uUe  a'  gealltainn  a  bhi 
leughadh  an  aon  earrann  de'n  Bhiobull, 
agus  a  bhi  ag  ilrnuigh  gach  latha  air  son  nan 
aon  tiodhlacan  spioradail.  Dh'innis  minis- 
tirean  eile  dhuinn  mar  a  bha  iadsan  a' 
deanamh  oidhirp  air  spionnadh  ur  a  bheoth- 


achadh  anns  a'  choinneamh-iirnuigh  air  an 
t-seann  mhodh. 

Eildearan  gann 

Tha  moran  de  choimhthionail  an  Taobh 
Tuath  ann  an  droch  staid  a  thaobh  eildearan 
agus  luchd-teagaisg  anns  an  Sgoil  Shabaid. 
Chan  'eil  obair  anns  na  glinn  no  anns  na 
h-eileanan  air  son  a'  mhor  chuid  de'n 
oigridh.  'Nuair  a  thig  iad  gu  aois  obrach, 
feumaidh  iad  deanamh  air  Galldachd.  Tha 
na  fir  agus  na  mnathan  a  bu  choir  a  bhi  air 
ceann  ghnothaichean  ann  an  sgireachdan  an 
Taobh  Tuath  an  diugh  anns  a'  bhaile  mhor, 
agus  cha  tig  iad  air  ais.  Is  e  gnothuch 
duilich  a  tha  ann,  ach  bha  feadhainn  'nar 
measg  am  beachd  gu  robh  dochas  air  son  na 
Gaidhealtachd  fhathast.  Tha  solus  an 
Hydro-Electric  a  nis  anns  an  Eilean  Sgith- 
eanach,  agus  tha  Bord  nan  Coilltean  a' 
deanamh  ullaohaidh  air  son  moran  de  na 
monaidhean  a  chur  fo  chraobhan.  Ma  thig 
againn  air  an  t-sluagh  a  chumail  anns  na 
glinn,  bithidh  dreach  eile  air  a'  Ghaidhealt- 
achd ;  agus  is  maith  dh'  fhaoidhte  gu'n  lean 
ath  bheothachadh  spioradail  an  ceuman 
gniomhachas  saoghalta.  Co  dhiubh,  tha  e 
fior,  "  far  nach  'eil  sluagh,  cha  bhi  eaglais." 

Mu  na  Sacramaidean 

Labhair  an  t-Urr.  Iain  Levack  air 
Baisteadh  agus  air  Suipear  an  Tighearna. 
Shuidliich  Criosd  an  da  Shacramaid.  Ach 
tha  moran  de  na  Gaidheil  a'  deanamh  eadar- 
dhealachadh  spioradail  eatorra.  Siridh  iad 
Baisteadh  air  son  an  cuid  chloinne,  ach  chan 
'eil  iad  'g  am  meas  fhein  maith  gu  leoir  air 
son  a'  Chomanachaidh.  Ann  am  Baisteadh, 
tha  neach  ag  aideachadh  an  Tighearna, 
chan  ann  a  mhain  air  a  shon  fhein,  ach  air 
son  anam  eile.  Anns  an  t-Suipeir,  tha  e  ag 
aideachadh  an  Tighearna  air  a  shon  fhein  a 
mhain.  Ma's  airidh  neach  air  baisteadh 
fhaotainn  air  son  a  chloinne,  nach  airidh  e 
air  aite  aig  Bord  an  Tighearna. 

Tha  moran  anns  a'  Ghaidhealtachd  an  diugh 
a  tha  a'  gradhachadli  an  Tighearna,  agus  ag 
imeachd  gu  durachdach  'na  shlighe  ;  ach  tha 
eagal  orra  tighinn  chum  a'  Bhhird.  A  bharr 
air  sin,  tha  iad  a'  cur  ceap-tuislichidh  mu 
choinneamh  na  h- oigridh.  Abradh  pearsa 
og  ri  a  pharantan,  "  Bha  am  ministir  a' 
bruidhinn  rium  mu  dheidhinn  na  Sacramaid. 
Tha  mi  a'  smaointinn  gur  e  mo  dhleasdanas 
tighinn  air  adhart  chum  a'  Bhiiird."  Is 
maith  dh'fhaoidte  gur  e  an  fhreagairt  a 
gheibh  e,  "  Dean  thusa  mar  a  thogras  tu. 
Ach  tha  thu  am  beachd  ceum  a  ghabhail 
nach  do  ghabh  t-athair  no  do  mhathair 
riamh."      Mar   is   trice,    is   e   sin   crioch   a' 


COR  SPIORADAIL  AN  TAOBH  TUATH 


ghnothuich  air  son  an  neach  sin.  Is  doclia 
gu'n  ruig  e  sean  aois  ;  is  doclia  gu  ruig  e 
uchd  a'  bhais  mus  smaoinich  e  a  rithist  air 
aithne  an  Tighearna,  "  Dean  so  mar  chuimh.- 
neachan  ormsa." 

Co  dha  a  thug  an  Slanuighear  an  aithne 
sin  ?  Nach  ann  dhaibhsan  uile  a  ghradhaich 
e,  agus  a  chuir  an  earbsa  ann  air  son  beatha 
agus  bas  ?  Tha  nioran  sluaigh  ann  an 
coimhthionail   an    Taobh    Tuath    a    tha    a' 


creidsinn  anns  an  Tighearna  losa  agus  a' 
leantuinn  gu  dileas  'na  shlighe  nach  'eil  a' 
tighinn  chum  Bord  a'  Chomanaichidh.  Chan 
'eil  sin  mar  bu  choir  dha.  Cha  tig  atharr- 
achadh  air  beachdan  an  t-sluaigh  ann  an 
latha  no  ann  am  bliadhna.  Ach  deanadh 
gach  ministir  agus  eildear  deagh  oidhirp  air 
an  t-slighe  a  dheanamh  comhnard,  agus 
teagasg  fallain  an  Tiomnaidh  Nuaidh  a  chur 
fa  chomhair  an  t-sluaigh. 


Fo  Chraobh  Sheudair 


AN  uair  a  bha  mi  anns  an  sgoil  an  lonar-nis 
bhiodh  an  t-Ard  mhaighstir-sgoil,  an  t- 
OUamh  Alasdair  Mac  Bheathain  ag  radh 
ruinn,  an  uair  a  bhiodh  e  a'  toirt  nam 
paipearan  air  ais  dhuinn  a  sgriobh  sinn  aig 
Ceasnachadh,  "  Tha  e  air  a  radh  gu  bheil 
iasg  maith  air  son  eanchainnean  oga,  ach 
feumaidh  gu'n  d'  ith  cuid  agaibhse  muc- 
mhara."  'S  e  bha  e  a'  ciallachadh,  gu'n 
do  sgriobh  sinn  aitearachd  gun  tur  agus 
briathran  nach  robh  air  an  tomhas,  an  uair 
a  theirig  eolas  oirnn  ;  gu'n  do  leig  sinn  ruith 
leis  a'  pheann  agus  le  mac-meanmainn  na 
h-inntinn  a  dh'fholuch  ar  n-aineolais  le 
braise  bhriathran.  Ach  gu  de  nach  abair 
balaich  (agus  daoine  a  thainig  gu  aois  cuid- 
eachd)  ann  an  eigin  Ceasnachaidh  ? 

Aig  Ceasnachadh  a  bha  aig  an  Admiralty 
o  chionn  bhliadhnachan  air  son  ghillean  a 
bha  a'  feucliainn  ri  faotainn  do  Chabhlach 
Bhreatuinn  'n  an  oifigich  b'e  so  te  de  na 
ceistean  a  bha  air  fear  de  na  paipearan, 
"  Gu  de  is  aithne  dhuit  mu  Daniell's  Cell." 
Bha  fear  de  na  gillean  nach  d'thug  an  aire 
gu  robh  da  1  ann  an  Daniell,  agus  eadar  sin 
agus  cion  eolais,  agus  an  crioman  de'n 
mhuic-mhara  a  dh'ith  e  aig  a'  bhraiceas, 
fhreagair  e  a'  cheist  mar  so,  "  Chan  aithne 
do  na  sgoilearan  fhein  moran  mu'n  gharaidh 
anns  an  robh  Daniel  air  a  thilgeadh,  oir  tha 
uine  mhor  o  bha  e  ann,  agus  chan  'eil  anns 
an  rud  a  nis  ach  seann  eachdraidh,  cho  sean 
's  nach  'eil  duine  beo  aig  a  bheil  cuimhne 
air.  Tha  na  leomhainn  marbh  agus  tha 
Daniel  fhein  marbh  cuideachd  ;  mar  thuirt 
am  bard  Greugach,  Sic  transit  gloria  mundi." 

Ma  gheuraicheas  iasg  no  feoil  muice- 
mara  eanchainn  dhaoine  bu  choir  gu'm 
biodh  a  bhuil  ri  fhaicinn  oirnn  anns  na 
laithean  so,  oir  tha  sinn  ag  itheadh  barrachd 
dhiubh  na  bha  riamh  air  itheadh  anns  an 
duthaich  roimh  so.  Anns  na  tighean- 
ithinnich  an  Dun-eideann  chan  fhaigheadh 
tu  crioman  de  fheoil  uain-duthcheannach, 
ged  bhiodh  do  chridhe  an  geall  air,  agus  ged 
nach  'eil  am  fearann  air  a  bheil  iad  air  an 


arach  fada  air  falbh.  Ach  gheibh  thu  annta 
do  leoir  a  dh'fheoil  muice-mara  a  bha  air  a 
marbhadh  shuas  aig  Greenland,  no  shios  aig 
Georgia  mu  Dheas  ann  an  cuan  na  h-Ant- 
arctic.  Rinn  an  cogadh  uiread  atharrach- 
aidh  oirnn  a  thaobh  ar  bidh  's  a  rinn  e 
oirnn  ann  an  doighean  eile,  ach  chan  'eil 
e  furasda  dhomh  fhein  co  dhiubh  fas  cleachdte 
ri  bhi  a'  faicinn  dhaoine — agus  sin  daoine 
air  a  bheil  a  choltas  a  bhi  'n  an  daoine  glan 
agus  grinn — ag  itheadh  feoil  muice-mara 
mar  gu'n  robh  i  a'  cordadh  riu.  Ma's  feoil  i 
is  ann  -ann  am  biithan-eisg  a  tha  i  air  a  reic, 
air  leth-chrtin  am  punnd,  agus  air  a  cur  air 
an  aon  chlar  ri  eisg  eile  a  tha  nadurra  ; 
liabagan  is  truisg  is  adagan  is  caoiteagan. 

Co  dhiubh  a  tha  e  fior  no  nach  'eil,  tha 
moran  dhaoine  a'  creidsinn  gu  bheil  stuth 
air  choreigtn  ann  an  iasg,  ma  dh'fhaoidhte 
phosphorus  no  vitamins  shonruichte,  a  tha  'g 
a  dheanamh  'n  a  bhiadh  a  tha  maith  do'n 
eanchainn.  Ach  ged  tha  duthchannan  ann 
a  tha  a'  tighinn  beo  ann  an  tomhas  mor  air 
iasg,  chan  'eil  dearbhadh  air  bith  againn  gu 
bheil  iad  air  thoiseach  air  an  coimhearsnaich 
a  thaobh  thalantan  no  ealain.  Agus  air  an 
laimh  eile  tha  luchd-eachdraidh  a'  cumail  a 
mach  gur  e  na  diithchannan  as  motha  a  tha 
ag  itheadh  feola  a  shealbhaicheas  an  talamh, 
a  chionn  gu  bheil  neart  is  smuais  annta. 

Bha  Lloyd  George  a'  creidsinn  gur  e  na 
dh'ith  e  ann  an  laithean  oige  de  bhuntata  a 
bha  air  a  leasachadh  le  feamainn  a  thug  dha 
an  luathas  agus  a'  ghehead  agus  a  bheothal- 
achd  a  bha  'n  a  inntinn,  a  chionn  gu  bheil 
uiread  iodine  ann  am  feamainn.  Na'n 
cuala  Alasdair  Mac  Bheathain  e  ag  innseadh 
mu'n  fheum  a  rinn  buntata  na  feamann  d'a 
eanchainn,  thigeadh  cridhealas  anns  na 
silUean  beaga  aige,  bheireadh  e  air  fheusaig 
air  fhein,  agus  dh'abradh  e  ris,  "An  e 
muc-mhara  an  t-annlann  a  bha  agad  leis  a' 
bhuntata  ?  "  Da  sheorsa  inntinn  cho  fada 
o  cheile  's  a  tha  an  lar  o'n  Ear,  inntinn 
Lloyd  George  agus  inntinn  an  ard-sgoUeir  Mac 
Bheathain  ;  an  dara  te  clis  agus  cho  beothail 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


agus  cho  luasganach  's  gu'n  tugadh,  i  sithich- 
ean  aisde  a  chuireadh  air  "Cnoc  an  t- 
Seallaidh."  e ;  ach.  air  uairean  eile  a  chuireadh 
fodha  e  ann  an  suil-chrithieh,  agus  air 
seachran  anns  a'  cheo  ;  agus  an  te  eile  a' 
gluasad  cho  cinnteach  agus  cho  curamach, 
ceum  as  deidh  ceuma,  agus  gun  cheum  idir 
mur  robh  an  talamh  a  bha  roimhe  cruaidh  f  o 
chasan ;  a'  dearbhadh  agus  a'  diiblachadh 
dearbhaidh  anns  na  h-uile  nithe  a  bhiodh  e  a' 
sgriobhadh. 

A  mach  o  thaobh  an  lar  Eirinn  agus 
Labrador  agus  Newfoundland  agus  Loch- 
lann  chan  'eil  aite  air  an  t-saoghal  anns  a 
bheil  an  sluagh  ag  itheadh  barrachd  eisg 
na  air  oirthir  na  Gaidhealtachd  agus  anns  na 
h-Eileanan.  Ach  c6  a  ghabhadh  air  fhein  a 
radh  gu  bheil  na  tha  iad  ag  itheadh  de 
bhuntata  agus  a  dh'iasg  a'  cur  smuais  ann  an 
inntinn  nan  Gaidheal  an  diugh  ?  Obair, 
sgoinn,  agus  smuais, — sin  na  tri  nithean  as 
motha  a  tha  'g  ar  dith  anns  a'  Ghaidhealt- 
achd. 

An  uair  a  chuirahnicheas  mi  air  na  balaich 
a  bha  ann  an  sgoil  Raining  an  lonar-nis  anns 
a'  ghineal  romham  fhein,  Fearchar  Mac  Rath 
(a  dh'fhag  a'  chiobaireachd) ;  Paraig  Mac 
Griogair;  Tormod  Mac  Gill-eathain ;  Eachann 
Mac  Fhionghuin ;  Domhnull  Mac  Amhlaidh ; 
Donnchadh  Mac  Coinnich;  Seoras  Mac 
Eanraig ;  Iain  Foirbeis ;  Iain  Mac  'Illinnein ; 
Calum  Mac  Aonghuis ;  Seumas  Stiilbhard ; 
Coinneach  Mac  Leoid ;  Ruairidh  Mac  Leoid ; 
agus  moran  eile  de'n  t-seorsa  sin,  a  chliuth- 
aich  iad  fhein  an  dara  cuid  mar  sgoilearan 
anns  na  h-Oilthighean  no  mar  dhaoine  laidir 
agus  taiceil  ann  an  obair  am  beatha,  chan 
'eil  fhios  agam  c'aite  am  faigheamaid  an 
leithidean  an  diugh ;  balaich  bhochd  anns 
an  robh  smuais  agus  sgoinn,  agus  a  bha 
toileach  cruadal  fhulang  'g  an  ullachadh 
fhein  air  son  aon  dreuchd  no  dreuchd  eile. 


Chan  abrainn  nach  do  thachair  luchd- 
teagaisg  eile  orm  a  b'fhearr  a  theagaisgeadh 
litir  agus  gramar  na  Greigis  agus  na  Laideann 
na'n  t-Ollamh  Mac  Bheathain,  ach  bha 
ealain  anabarrach  aige  air  t-inntinn  a  chur 
air  ghluasad  air  chor  agus  gu'n  tugadh  i  an 
drasd  's  a  rithist  leum  aisde  air  aghaidh 
mar  bhios  spag  an  uaireadair  a'  gluasad. 
Cha  mhor  gu'n  robh  latha  a'  dol  seachad 
anns  a'  chlass  Ghreigis  nach  abradli  e  rudeigin 
a  dheanadh  barrachd  feum  dhuit  na'n 
leasan  a  bha  e  a'  teagasg  a  chionn  gu  robh  a' 
cheart  bhuaidh  aige  air  t'  inntinn  a  tha  aig 
treabhadh  agus  aig  cliathadh  aii'  an  talamh. 

Bha  e  'n  a  Righ  anns  an  sgoil,  ach  ged 
nach  do  rioghaich  e  ach  mu  thri  bliadhna 
deug  uile  gu  leir,  anns  an  uine  sin  chuir  an 
sgoil  corr  maith  agus  ceud  balach  do  Oilthigh- 
ean  na  h-Alba,  cuid  dhuibh  a  bha  'n  am  fior 
sgoilearan.  Chan  'eil  teagamh  nach  robh  na 
balaich  air  an  taghadh,  oir  bha  an  t-Ollamh 
Coinneach  Mac  Coinnich,  an  Cinn-ghiubhs- 
aich,  a  mach  air  feadh  na  Gaidhealtachd,  a' 
siubhal  air  son  bhalach  thapaidh  mar  gu'm 
biodh  geamair  air  lorg  shionnach,  no  gaidsear 
a'  siubhal  phoitean-dubha. 

Bha  a'  chuid  mhor  againn  gu  maith  maol 
agus  neo-thimchioll-ghearrte  'n  ar  n-eanch- 
ainnean  an  uair  a  bha  stnn  air  ar  seoladh  gu 
fortanach  do  sgoil  Raining,  ach  ma  bha  tiir 
idir  ann  am  balach,  cha  bhiodh  e  fad  a  fo 
Mhac  Bheathain  gus  an  tigeadh  'inntinn 
beo,  agus  an  toisicheadh  e  air  sinteagan  a 
ghearradh  gu  eolas  is  sgoilearachd  is  tuigse 
ann  an  saoghal  iir.  Bha  e  'g  ar  riaghladh 
agus  'g  ar  teagasg  ach  beag  leis  fhein,  gun 
usaid  no  upraid ;  gun  stri  gun  smachd. 
Chan  fhaca  mi  riamh  fearg  air,  agus  chan 
fhaca  mi  balach  miomhail  ris.  Bha  e  cho 
mor  agus  cho  uasal  e  fhein  (ged  nach  robh 
ann  ach  duine  beag  'n  a  phearsa)  's  gu'n 
rachadh  miomhadh  fo'n  urlar  'n  a  lathair. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Uilleam  Mac  Phail 
SHIUBHAIL  e  ann  an  toiseach  December 
anns  an  Oban,  far  an  robh  e  a'  fuireach  bho 
leig  e  dheth  cilram  a'  choimhthionail  an 
Ard-driseig,  far  an  do  shaothraich  e  mu 
fhichead  bliadhna. 

Tiiisdeach  a  thaobh  a  dhiithchais,  bha  e 
air  oileanachadh  an  Oilthigh  Ghlaschu,  agus 
air  a  shuidhea'chadh  an  Cill-Bhrianain  an 
1902,  far  an  d'fhan  e  coig  bliadhna  fichead, 
'n  a  mhinistear  easgaidh  sgoinneil  agus  'n  a 
fhear-diithcha  maith,  a'  cosnadh  dha  fhein 
meas  agus  gean-maith  an  t-sluaigh.  An 
uair  a  chaidh  e  do  Ard-driseig,  cha  b'e  duine 
nach  b'aithne  dhaibh  a  ghairm  iad,  oir  cha 


mhor  m.hinistearan  an  Earra-ghaidheal  a 
b'fhearr  a  b'aithne  do  mhinntir  na  siorram.- 
achd  air  fad.  Bha  gaol  aige  air  riaghlair- 
eachd,  is  ealain  aige  air  sin  a  dheanamh, 
agus  bha  e  air  iomadh  Bord  agus  Comhairle 
ann  an  obair  nan  Sgoilean  agus  ann  an  obair 
eile  na  Siorramachd.  Anns  an  obair  sin 
bha  misneach  aige  seasamh  gu  daingean  air 
a  bheaehdan  fhein,  agus  cha  leigeadh  e 
seachad  cuiltearachd  no  rud  air  bith  nach  robh 
air  a  thoirt  am  foUais  gu  direach  onorach. 

Ged  nach  robh  e  'n  a  bhard  cho  maith  ri 
choimhearsnach,  Eachann  Camshron,  bha  e 
'n  a  dheagh  bhard  air  a  shon  sin,  mar  bha 
'athair  roimhe. 


AIG  AN  UINNEIG 


Leanabalachd 

Ma  theid,  thu  ceud,  bliadhna  air  ais,  cha 
robh  dad.  ann  am  beatha  no  ami  an  obair  na 
h-eaglais  niu'm  faodadh  tu  a  radh  gu  robh  e 
leanahail,  ach  tha  moran  de  leanabalachd 
anns  an  eaglais  an  diugh,  air  chor  agus  gu'm 
feum  ministear  a  bhi  curamach  agus  'n  a 
earalas  ma  bu  mhaith  leis  an  geamliradh 
fhaotainn  seachad  gun  play-actor  a  bhi  air  a, 
dheanamh  dheth,  agus  sin  le  daoine  la^hach 
gaolach  'n  a  choimthional  agus  'n,  a  sgoil- 
Shabaid  fhein,  daoine  a  tha  air  son  an 
oigridh  a  thoileachadh  agus  teagasg  a 
mheasgadh  le  abhacas  is  mireanachd.  Ma 
tha  thu  a'  dol  a  bhruidhinn  mu  obair  an 
t-soisgeil  an  duthchanna  cein  cha  saoil  iad 
gu  bheil  feuni  air  bith  'n  ad  bhruidhinn  mur 
bheil  dusan  no'n  corr  de  chloinn  aca  air  an 
ard-urlar,  cuid  dhiubh  air  an  sgeadachadh 
mar  Innseanaich,  agus  cuid  eile  le'n  aodainn 
agus  an  casan  cho  dubh  ris  a'  phoit  mar 
gu'm  biodh  iad  air  ur  thighinn  a  nail  a 
Africa. 

Tha  an  leanabalachd  so  a'  dol  am  meud 
anns  ah  eaglais. 

Dull  ri  maith  agus  feuch  doilgheas 

"  Na  dean  uaill  a  thaobh  an  la  maireach, 
oir  chan  'eil  fhios  agad  ciod  a  bheir  la 
uaith." 

Cha  mhor  dhaoine  an  uair  a  bhios  iad  a' 
dol  air  thurus  fada  agus  a'  fagail  beannachd 
aig  an  teaghlach,  nach  bi  iomguin  agus  eagal 
'n  an  cridhe  gu'm  faod  driodfhortan  air 
choreigin  tachairt  m'an  coinnich  iad  a  ris. 
Bha  an  t -eagal  sin  ann  an  cridhe  luliuis 
Von  Yelin,  duine  foghluimte  ann  am  Bavaria, 
d'  an  d'thug  An  Comunn  Rioghail,  an 
Dun-eideann,  cuireadh  oraid  a  thoirt  dhaibh 
anns  a'  bhliadhna  1826. 


Aig  an  am  ud  b'e  Sir  Walter  Scott  duine  a 
b'ainmeile  an  Albainn,  agus  bha  bean  Von 
Yelin  anabarrach  deonach  ah  comhdhail  a 
bhi  aig  an  duine  aice  ri  Sir  Walter,  agus 
seanchas  a  bhi  eatorra,  oir  bha  meas  moj- 
air  bardachd  Sir  Walter  ann  am  Bavaria. 

Na'n  robh  cuisean  gun  chamadh  a  bhi 
annta  chuireadh  iad  eolas  air  a  cheile  gun 
teagamh,  oir  bha  Sir  Walter  'n  a  bhall  anns 
a'  Chomunn  Rioghail,  ach  an  oidhche  ud 
dh'fhan  e  aig  an  tigh  agus  cha  daachaidh  e 
do'n  choinneamh  a  chionn  gii'n  d'fhuair  e 
an  la  ud  sgeul  chruaidh  mu  chall  a  chodach 
uile.  Bhris  Constable  air  an  dsachaidh  e  an 
urras  agus  chaill  Sir  Walter  na  bha  aige 
anns  an  t-saoghal. 

Thairg  moran  d'a  chairdean  a  chuideach- 
adh,  ach  cha  leigeadh  e  led,  agus  chuir  e 
roimhe  gu'm  paigheadh  e  a  h-uile  .sgillinn 
d'a  ainbheach  le  saothair  a  phinn  fhein. 

Gus  an  rud  a  dheanamh  na  bu  mhiosa,  an 
uair  a  bha  lulius  Von  Yelin  a'  liubhairt  na 
h-oraid  dh'fhas  e  tinn,  agus  cha  b'urrainn  e  a 
criochnachadh,  agus  shiubhail  e  anns  an 
Royal  Hotel,  far  an  do  ghiiilaineadh  e.  Bha 
e  air  a  thiodhlacadh  ann  an  seami  Chladh  a' 
Chaltoin,  dliith  do'n  uaigh  aig  Daibhidh 
Hume  agus  do'n  uaigh  aig  Iain  Playfair, 
agus  bha  Sir  Walter  aig  an  tiodhlacadh 
aige — a'  cheud  uair  a  chunnacas  a  mach  e  o 
thainig  an  lom-sgrios  ud  air. 

Bha  diiil  aca  le  cheile  ri  caidreamh  agus 
seanchas  agus  toilinntinn  ach  feuch  doilgheas 
agus  amhghar  gheur,  uabhar  an  duin- 
uasail  Scott  air  a  leon  gu  goirt,  agus  bean 
agus  teaghlach  ann  am  Bavaria  a'  feitheamh 
ri  sgeul  o'n  fhear  nach  tilleadli  dhachaidh 
gu  brath. 


Marbhrann  do  Mhairi  Nic  Ghille-Mhaoil,  Achchosnaich, 
le  Seumas  a  Brathair 


'S  e  Mhairi  luaidh  thu  bhith  'g  ar  dith 

A  dh'fhag  ar  cridh  fo  leon, 
Oir  chaidh  do  thasgadh  anns  a'  chill 

'S  cha  till  thu  ruinn  na's  mo  ; 
Is  e  do  bhas  a  bhith  cho  clis 

Gun  dull  bhith  ris  'n  ad  choir, 
Do  spionadh  bhuainn  cho  luath  gun  fhios 

A  mheudaich  lios  ar  broin. 

Tha  ionndrainn  ghoht  ort  anns  an  ait 
'S  an  d'fhuair  thu  t'arach  6g, 

'S  an  dachaidh  chomhfhurtail  a  dh'fhag 
'S  a  chuir  do  lamh  air  doigh 

'S  an  d'fhoillsich  thusa  re  do  la 

,     Bhith  gleusda  lamhach  coir  : 

Bhiodh  agad  pailteas  aig  gach  trath 
Dhuit  fhein  's  do  chach  de  Ion. 


Chleachd  thu  riamh  bhith  fial  ri  each, 

Compairteachadh  dhe  d'  stor. 
Is  cha  b'ann  fuar  a  bhiodh  an  fhailt' 

Ach  cridheil  cairdeil  beo  ; 
Is  lionmhor  iad  bha  sgith  le  triall 

A  shuidh  gu  biadh  mu  d'  bhord, 
'S  le  oidhche  taimh  an  leaba  bhlath 

A  shasaich  thu  gach  seors'. 

Is  diomhain  agus  caochlaideach 

An  saoghal  so  gach  am  ; 
Bu  ghlic  dhuinn  a  bhith  smaoineachadh 

Nach  bi  sinn  daonnan  ann  ; 
Ach  gus  an  ruith  ar  n-aonta 

A  bheir  ar  n-aois  gu  ceann 
Chan  fhaod  gu'n  dean  sinn  diochuimhn'  ort 

Oir  bha  thu  dileas  dliuinn. 


Aireamh  3 


1949 


Buaidh  a'  Chriosduidh 

Leis  an    Urramach  Calum  MacGiUeathain,  M.A. 
Tuilleadh  is  buaidh  trid-san  a  ghradhaich  sinn."—Rom..  8,  37. 


SEO  cliu  a  tha  aig  Pol  air  eaglais  a  linn  fein, 
air  Criosduidhean  a  latha,  daoine  is  mnathan 
bochda  gun  moran  aca  de  nxhorachd  an 
t-saoghail,  de  mhaoin  an  t-saoghail,  de 
eolas  an  t-saoghail.  Bha  cnid  aca  an 
Cathair  na  Roimhe,  ceann-bhaile  mor  an 
t-saoghail,  agus  is  ann  chuca-san  a  bha  e 
sgriobhadh.  Bha  e  duilich  do  dhuine  aig 
an  robh  eolas  air  an  Roimh  is  a  h-eachdraidh 
gun  cliii  a  cuid  ghaisgeach  is  luchd-buadha 
theachd  'na  chuimhne.  Agus,  ged  tha  na 
.ceudan  bliadhna  air  triall,  tha  e  duilich 
dhuinne,  mar  an  ceudna,  gun  a  bhi  cuimh- 
neachadh  air  cliu  euchdach  na  Roimhe, 
am  baile  sin  a  bha  cho  beag  air  tris,  agus 
cho  lom  air  tiis,  a  thog  a  leithid  de  dhaoine 
cruaidh  biiadhach,  daoine  iarainn.  Chuir- 
eadh  bonn  gu  bean  am  Muile  ri  linn  Cogadh 
Napoleoin  agiis  "  Maihair  nan  gaisgeach  " 
air.  Is  i  a  thog  na  fir  a  bha  fearail  fogh- 
ainteach.  Ach  bi  cathair  na  Roimhe  baile 
is  niathair  mhor  nan  curaidhean  is  nan 
ceannardan  mhiltean  is  ceannardan  cheudan 
air  an  robh  a'  chruaidh.  Smachdaich  iad 
an  saoghal  agus  chisnich  iad  na  rioghachdan 
is  na  fineachan,  fad  is  farsuinn.  Cha  robh 
mu"  de  a  h-Impireachd  anns  nach  faicte 
luchd  armailt  is  luchd-cogaidh  agus  iad. 
mar  gum  biodh  iad  nan  cinn  is  nan  urrachan 
mora  os  cionn  gach  seorsa  eile,  am  measg 
gach  treubh  anns  gach  duthaich.  Bha  iad 
'nam  full  agus  'nam  feoil,  'nan  comharra 
air  neart  agus  treubhantas  nan  Romanach, 
daoine  nach  fhaca  an  saoghal  riamh  romhpa 
an  leithidean  eile  mar  shaighdearan  do- 
bhriste.  Bha  buaidh  is  an  Roimh  'nan  da 
fhacal  a  bha  furasda  an  labhairt  agus  an 
tuigsinn  an  cuideachd  a  cheile. 

Cha  robh  moran  de'n  t-seorsa  dhaoine 
sin  an  cridhe  na  h-Eaglais.  Chan  'eil 
teagamh  againn  nach  tainig  cuid  de  shaigh- 
dearan na  Roimhe  gu  bhi  Criosdail,  anns  an 
fior  sheagh  as  airde,  ri  linn  Phoil,  agus 
bha  lam.h  mhor  aig  Pol  'nan  iompachadh, 
ach  is  e  seorsa  eile  a  bha  pailt  air  tiis,  eadhoin 
san  Roimh  seo  fhein,  luchd.  obrach  is  cosan- 
naich,  luchd  reio  is  malairt,  an  doigh  bheag, 
luchd  dreuchdan  beaga  is  ceairde  nach  robh 


inbheach,  agus  eadhoin  daorsannaich  no 
traillean  is  fuigheal  sloigh.  Is  ann  riubhasan 
a  tha  Pol  a'  labhairt  mar  Romanaich  agus 
is  ann  riubha-san  a  tha  a  ghnothuich  agus 
e  gabhail  muinntir  orra  a  tha  buadhach 
dha  riribh,  buadhach  thar  a  chumantais, 
'nan  tuilleadh  is  luchd-buadha.  Tha  mi  an 
diiil  gu  bheil  fhios  againn  uile  de  a  bha 
e  ciallachadh.  Chan  'eil  sibhse  gun  cath 
is  gun  chomhrag  agus  gun  cogadh,  ach  is 
ann  leibh  a  tha  dol  gu  breagha. 

''  Tha  cogadh  oirnn  a  Mhic  Dhe, 
Agad  fhein  do  b'ait  leinn  tamh." 

Tha  an  cogadb  mor  agus  tha  e  buan, 
agus  chan  'eil  sos  aige  ach  'ga  shior-chm\ 
Tha  an  namhaidh  neart-mhor  agus  droch- 
rimach  agus  cealgach  agus  tha  a  feachd 
aige  lionmhor  agus  gleusda,  gidheadh  cha 
robh  Romanaich  riam.h  clio  cinnteach  a 
buaidh  agus  lamh  an  uachdar  ri  iochdarain 
bhochd  na  Roimhe,  na  Criosdaidhean,  na 
naoimh,  na  creidmhich  seo.  Is  e  Criosd 
a  tha  toirt  na  buadha  daibh !  Tha  i  aca. 
Tha  iad  a'  deanamh  a'  chilis.  Tha  an  latha 
dol  leotha  gu  h-aluinn !  Ach  a  leithid  de 
latha.  Latha  duilich  is  eiginneach.  Cha 
b'e  saoghal  sona  suilbhir  a  bha  ann  daibh. 
Cha  b'e  ni  a  bha  mu'n  cuairt  daibh  a  bha 
toirt  togail  cridhe  dhaibh.  Chan  b'e  blaths 
an  t-samhraidh  a  b'aithne  dhaibh  ach 
fuachd  an  droch  gheamhraidh.  Tha  sin 
againn  air  ar  beulaibh  anns  a'  chaibideal 
seo  (Rom.  8) — trioblaid,  amhghair,  geur- 
leanmhuinn,  gorta,  cunnart,  claidheamh, 
nithean  a  bha  'nan  eile-thruim  cho  garbh 
agus  gu  bheil  Pol  'gan  cur  air  aireamh  nan 
nithean  a  bha  air  an  gealltainn,  "  A  reir 
mar  a  tha  e  sgriobhte.  Air  do  shon-sa 
mharbhadh  sinn  re  an  latha  ;  mheasadh 
sinn  mar  chaoraich  chum  marbhaidh." 
Bha  gealladh  Chriosd  aca  leis,  "  Anns  an 
t-saoghal-sa  bidh  am.hghair  agaibh."  Bha 
iad  air  an  cliathadh  's  air  an  racadh  's 
air  an  sgiilrsadh  le  deuchainn  is  dearbhadh. 
Bha  m.6ran  'nan  aghaidh  agus  bha  an  cor 
cruaidh  bochd,  an  suidJieachadh  o'n  taobh 
amuigh   m.i-shona ;     ach    cha   do   mhill   sin 


BUAIDH  A'  CHRIOSDUIDH 


iad.  Is  ann  a  thug  e  am  follus  boiune  geal 
na  cruadhach  a  bha  annta  mar  chreidmhich. 
Is  e  seo  a'  bhuaidh  a  tha  toii't  buaidh  air 
an  t-saoghail  eadhoin  an  creideamh !  Maith 
air  son  an  uilc  ;  trocair  an  aite  dioghaltais  ; 
coibhneas  an  aite  corruich  ;  beannachadh 
an  aite  mallachaidh  ;  firinn  air  son  na 
breige  ;  sith  air  son  sabaid.  Is  ann  aca 
bha  a'  chomhrag  neo-^bhaisteach  san  Roimh. 
Nach  boidheach  i  sin  anns  gach  baile  is  tir 
anns  an  dean  daoine  i  ?  Tha  slanachadh 
agus  tha  teagasg,  tha  leasachadh  agus 
togail  is  ath-thogail  'na  luib.  Tha  i  cur 
an  t-saoghail  bun  os  cionn !    Sin  a  beannaehd. 

Buaidh  a'  Chriosdaidh 

Chan  ann  le  claidheamh  a  choisinnear  i 
sin,  agus  chan  ann  le  innleachdan  cealgach 
dhaoine  a  ruigear  oirre.  Is  e  crun  gloire 
a  tha  ann,  uime  sin  is  e  ni  gloir-mhor  agus 
ni  nile  gu  leir  glan,  grinn  uasal,  ionnraic, 
ceart  a  tha  ann.  Ni  a  tha  tighinn  troimh 
Chriosd  chan  'eil  e  gu  brath  air  a  chaochladh 
sin.  Anns  a'  chogadh  seo,  agus  anns  an 
t-streup  seo  chan  'eil  namhaid  aig  an  duine 
as  truime  air  na  e  fhein,  oir  is  ann  ann 
fhein  a  tha  an  cath  as  teinne  'ga  chur. 
Chan  e  nach  'eil  naimhdean  a  muigh.  Ach 
is  e  nach  ann  ri  full  no  feoil  eile  a  tha  a 
bhuan-chath.  B'e  truaighe  Alasdair  Uaibh- 
rich  nach  tug  e  buaidh  air  fhein.  Cheannsaich 
e  na  tirean,  aCh  cha  do  cheannsaich  e  e 
fhein.  Agus  is  fhearr  am  fear  a  cheannsaich 
e  fhein,  na  am  fear  a  cheannsaicheas  an 
Roimh  is  Dun  Eideann.  Is  fhearr  am  fear 
a  cheannsaicheas  a  theanga  na  am  fear  a 
bhreugadh  a'  Ghearmailt,  mar  a  rinn  Hitler, 
le  a  theanga.  Nach  'eil  e  doirbh  sin  a 
thuigsinn  ?    Nach  'eil  e  nas  doirbhe  gabhail 


ris,  agus  cleachdadh  a  dheauamh  dheth  ? 
Nach  m6r  a'  bhuaidh  a  bha  aig  Criosdaidhean 
bochda,  am  baile  neo-ghlan  na  Roimhe, 
an  uair  a  bha  an  teanga  aca  air  a  glanadh 
agus  air  a  cixmail  glan  air  chor  agus  nach 
robh  iarraidh  aca  air  facal  no  fuam  neo- 
ghlan  ?  Sin  an  rud  a  rinn  Criosd  do  Iain 
Buinein  a  chuir  an  t-ioghnadh  air,  dh'fhag 
an  droch  cainnt  agus  an  toibheum  e  gu 
tur.  Agus  seall  air  an  fhear  seo  eile  san 
Roimh  agus  e  cho  firinneach,  ceart  agus 
onarach,  anns  gach  suidheachadh,  mac- 
daorsainne,  coir  beatha  is  bais  aig  maighstir 
air,  ach  an  ear  firinne  is  fearalais,  a  nis,  e 
fada  nas  airde  na  a'  mhaighstir!  Daoine 
bochda  an  t-saoghail  is  daoine  taghta 
Dhe,  agus  ainm  Dhe  aca  'ga  chumail  soilleir 
mar  Dia  na  fireantachd  agus  Dia  na  sithe, 
Dia  a  chairdeis  is  Dia  a  ghraidh,  is  Dia  na 
trocair  is  an  uile-mhaitheis.  "  Luchd- 
buadha,"  nach  e  an  Romanach  uaibhreach, 
an  saighdear,  an  duine  beairteach,  am  fear- 
lagha,  am  feallsanach  agus  am  marsanta 
mor,  a  dheanadh  gaire  a'  magadh  orra  ? 
Co  a  thuirt  a  leithid  de  chainnt  gun  chiall  ? 
Ach  stadaibh  oirbh,  a  Romanacha  mora, 
rinn  sibhse  t^ire  air  "  priosonach  an  Tigh- 
earna  "  agus  a  luchd  leanmhuinn  ;  ach 
CO,  nis,  aig  an  robh  a'  bhuaidh,  saoilibh  ? 
Tlia  fhios  aig  an  t-saoghal,  a  nis,  air  c6  a 
thug  buaidh  a  mach,  buaidh  a  tha  cho 
iongantach  rithe !  Ach  cuimhnichibh  is  e 
Criosd  a  thug  buaidh  dhaibh.  Is  ann  trid- 
san  a  rinn  iad  an  ni  nach  deanadh  armachd 
na  innleach-eachd  dhaibh. 

"  Agus  thuirt  e  rium.  Is  iad  so  iadsan  a 
thainig  d  amhghair  mor  ;  agus  nigh  iad  an 
trusgain  agus  rinn  iad  geal  iad  ann  am  full 
an  uain." 


Anns  a'  Chathair 


GED  nach  biodh  Beataidh  Hislop,  bean  an 
tuathanaich  Cuthbert  Hislop,  no  mar  their- 
eadh  iad  rithe.  Bean  a'  Bhaile-mheadhonaich , 
a'  dol  do  na  coinneamhan-fuaigheil  a  bhiodh 
aig  mnathan  a'  Ghuild,  cha  robh  boirionnach 
eile  anns  a'  choimhthional  a  bha  deanamh 
uiread  oibre  rithe  air  a  shon.  Bha  i  math 
air  fuaigheal  agus  air  figheadh,  agus  a 
h-uile  bliadhna  bhiodh  i  a'  cur  Ian  bocsa 
de  gach  seorsa  aodaich  gu  bean  a'  mhinisteir 
gu  bhi  air  a  reic  aig  Sale  na  h-eaglais  ; 
seallaichean-fighte  ;  tubhailtean-riomhach, 
aodach-ph^isdean  ;  stocainnean ;  agus  iom- 
adh  rud  eile,  gu  ruige  meatagah-cloimhe 
a  bhiodh  am  ministear  a'  ceannach  a  chumail 
a  l^mhan  blath  air  a'  bhicycle. 


Ach  cha  b'ann  de'n  t-seorsa  i  a  bhiodh 
a'  dol  gu  coinneamhan  bhan  no  ceilidhean, 
no  dh'ionnsuidh  an  W.R.I.  ;  eadar  an  duine 
agus  Ian  an  tighe  de  chloinn,  a  bha  ri'n 
riaghladh,  ri'm  biathadh,  agus  ri'n  cur 
do'n  sgoil,  cha  robh  mionaid  aice  dhi  fhein 
o  mhoch  gu  dubh.  Ach  chan  iarraidh  i  e 
bhi  air  atharrachadh,  oir  b'e  banachas-tighe 
"n  a  dachaidh  fhein  agus  riaghlaireachd 
am  measg  a  teaghlaich  fhein  an  obair  a 
bu  sholasaiche  leatha  air  thalamh.  Ged 
nach  robh  i  ach  bliadhna  ar  fhichead  an 
ixair  a  phos  i  cha  robh  feum  aice  air  dol 
troimh  chiirsa  ann  an  AthoU  Crescent  oir 
cha  robh  dad  a  bhuineadh  do  bhanachas- 
tighe  is  togail-teaghlaich  nach  d'fh^s  innte  gu 


ANNS  A'  CHATHAIR 


nadurra  ;  eaiieha.iin,  is  sgoiiin,  is  grinneas, 
is  ordalachd,  is  lamhan  maith.  Ach  a 
thuilleadh  air  aji  inntinii  a  dhealbhadh 
agus  na  lamhaii  ealanta  a  dlieanadji  rud 
air  bith  a  bu  mhaith  leatha,  bha  tobar 
gaoil  'n  a  cridhe  a  bha  a'  cur  thairis  le 
blaths  agus  beannachadli,  chan  ann  a 
mhain  air  a  cuideachd  fhein,  ash  air  a 
h-uile  duine  eile  d'  am  b'aithne  i.  Bhiodh 
na,  sgoilearan  fhein  aims  an  dol  seachad, 
mur  faiceadh  iad  a  mach  aig  an  dorus  i, 
a'  cur  nioille  'n  an  ceum  an  dochas  gu'n 
coinnicheadh  i  riutha  agus  gu'm  biTiidh- 
neadh  i  riu  ;  dheanadh  an  aon  fhacal 
toilichte  iad,  agus  dh'fhalbhadh  iad  na  bu 
shunndaiche  don  sgoil.  "  An  uair  a  bhruidh- 
neadh  i  riuni.,  arsa  fear  de  na  ciobairean, 
an  uair  a  bha  a'  chlann  again  amis  an 
leabaidh  leis  an  fhiabhrus  dhearg  shaoilinn 
gu'n  robh  an  latha  a"  fas  na  -bu  shoilleire 
agus  na  bu  bhlaithe." 

Ach  ma  bha  meas  aig  na  coimhearsnaich 
agus  aig  daoine  eile  oirre  a  chionn  gu  robh 
uiread  graidh  agus  coibhneis  'n  a  cridhe, 
cha  b'aithne  dhaibh  an  fhicheadamh  cuid 
de  g}irinneas  agus  de  mhilseachd  nadur  a" 
bhoirionnaich  so.  Is  ann  a  mhain  aig  a 
teaghlach  fhein  a  bha  fhios  air  sin.  Bha  i 
dhaibhsan  mar  bhan-dia  ;  an  uair  a  theireadh 
iad  mo  mhdthair  chhiinneadh  tn  "n  an  guth 
agus  chitheadh  tu  'n  an  aodann  an  fhuaim 
agus  an  teas-ghaol  a  chhiinneas  agus  a 
chi  thu  ann  an  guth  agus  air  aodann  dhaoine 
diadhaidh  anns  an  Eaglais  Naoimh  Choitch- 
inn  an  uair  a  bhios  iad  a'  bruidhinn  mu 
Mhuire  naomh,  Mathair  an  Tighearna.  B'e 
facal  am  mathar  a  bu  lagh  agus  a  bu  shoisgeul 
dhaibh,  agus  bhiodh  e  cho  furasda  dhaibh 
a  chreidsinn  gu'n  tuiteadh  an  speur  's 
gu'm  failnicheadh  gliocas  no  ceartas  no 
gaol  am  mathai'. 


sonais  cho  Ian  's  gu'm  biodh  fiamh  is  eagal 
a'  tighinn  oirre  air  uairean.  "  Tha  a  h-uile 
ni  a'  dol  leinn  cho  maith  's  gu'm  bi  mi  'g 
a  chur  air  mhanadh  dhuinn  gu  bheil  an 
dubh-bhron  a'  feitheamh  oirnn.  Tha  da 
bhliadhna  o  nach  robh  doctair  anns  an 
tigh,  no  cnead  no  casd  air  duine  anns  an 
teaghlach  ;  tha  an  da  bhalach  as  sine  a' 
deanamh  gu  maith  an  Oilthigh  Dhun- 
eideann  ;  tha  an  treas  fear  a'  cuideachadh 
athar  leis  na  caoraich  ;  tha  Iseabal  a  nis 
air  uiread  a  dh'uallach  an  tighe  a  ghabhail 
oirre  fhein  's  nach  "eil  fhios  agam  gu  de 
a  dheanainn  as  a  h-eugmhais,  agus  tha  an 
corr  dhiubh  uile  anns  an  sgoil  ach  a  mhain 
Derek  a  bhios  a'  dol  innte  an  ath  bhliadhna. 
Ach,  och,  och,  bidh  an  tigh  so  gun  cheol- 
gaire  gun  Derek  ann  ;  creutair  cho  eibhinn 
's  nach  urrainn  e  a  bheul  fhosgladh  gun 
gaire  a  thoirt  orm,  ach  cho  gaolach  's  gu 
bheil  mile  dual  d"a  ghaol  air  an  snaim 
m'am  chridhe." 

■■  Cha  mhor  mhnathan,  a  Bheataidh, 
aig  a  bheil  uiread  aobhair  "s  a  tha  agadsa 
air  a  bhi  taingeil  do  Dhia."'  "  Tha  mi  sin, 
arsa  Beataidh  ;  cho  taingeil  agus  cho  sona  's 
gu'm  bi  air  uairean  eagal  orm  gu'n  atharraich 
mo  shonas  mar  bhios  an  t-sid  ag  atharrachadh, 
agus  nach  'eil  anns  a'  bhliadhna  so  ach 
feath  roimh  an  stoirm." 

Le  fiamh  gaire  air  a  h-aodann,  agus  i  ag 
eirigh  a  dh'fhalbh,  thuirt  bean  a'  mhinisteir, 
■'  Ud,  ud,  chan  fhearr  thu  na  Manoah  ; 
a  bheil  cuimhne  agad  gu  robh  eagal  air 
Manoah  gu'm  faigheadh  e  fhein  agus  a 
bhean  bas  a  chionn  gu  "n  do  nochd  Dia 
dhaibh  fcYbhar  cho  mor,  ach  bha  a  bhean 
na  bu  ghlice  na  esan,  agus  thuirt  i  ris, 
'■  Na'm  bu  toil  leis  an  Tighearna  ar  marbhadh 
cha  nochdadh  e  dhuinn  na  nithean  so  uile." 


Crannchur  shona 

Chan  urrainn  boirionnach  air  bith  a  tha 
bogail  teaghlaich  agus  a"  cumail  tighe  a 
bhi  gun  churam  gun  saothair,  ach  ma  tha 
i  sona  ann  an  companas  a  fir  agus  ann  an 
gaol  a  cloinne,  bheir  sin  an  gath  as  gach 
fiosrachadh  no  faireachduinn  a  dh'fhaodas 
a  cur  bharr  a  siiiil  re  sealain.  Bha  Beataidh 
Hislop  'n  a  boirionnach  sona,  cho  sona  's  gum 
biodh  a  sonas  fhein  a'  toirt  oirre  dol  a 
chaoineadh  an  uair  a  chuimhnicheadh  i 
air  crannchur  bhochd  agus  bristeadh-duil  is 
bristeadh-cridhe  mhnathan  eile  a  bha  dltith 
dhi.  La  a  bha  bean  a'  mhinisteir  a"  tadhal 
oirre,  agus  iad  a'  seanchas  mu  chiirsa  am 
beatha  o"n  a  b'aithne  dhaibh  a  cheile  an 
toiseach,    thuirt    i    ritlie    gu    robh    cupan   a 


Chaidh  an  samhradh  agus  am  foghar 
seachad  mar  sin  ann  an  Tigh  a'  Bhaile- 
mheadhonaich,  la  a"  deanamh  sgeoil  do  la 
air  obair  shunndach,  is  oigridh  mhireagach, 
is  parantan  sona,  agus  oidhche  a'  foillseach- 
adla  eolais  a  dh'  oidhche  air  maitheas  an 
T.ghearn,  a  bheannaich  iad  le  slainte  agus 
toileachas  agus  gaol  d'a  cheile.  Bha  am 
Foghar  trath  a'  bhliadhna  ud,  agus  chuir 
am  mathair  roimhpe  gu'm  biodh  an  Deireadh- 
bhuana  aca  m'an  rachadh  na  balaich  air 
an  ais  do  Dhim-eideann.  Tha  an  Deireadh- 
bhuana  air  dol  as  an  fhasan  a  nis,  ach  bha 
i  air  a  cumail  suas  anns  a'  Bhaile-mheadh- 
onach  mar  a  b'abhaist  i  bhi  air  a  cumail 
suas  air  a  h-uile  tuathanachas  a  b'  fhiach 
Bade  a  radh  ris. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


An  Deireadh-bhuana 

B'e  sud  a'  chuirm  agus  am  fleadhachas, 
o  leth-uair  an  deidh  seachd  gu  da  uair  's 
a'  mhaduinn  ;  an  Sablial  Mor  air  a  reiteach- 
adh  is  buird  is  cathraichean  agus  fuirm 
air  an  suidheadh  a'  chuideachd  air  an  cur 
air  an  da  thaobh  dheth  o  cheann  gu  ceann, 
agus  bord  eile  tarsainn  aig  an  robh  Fear  a' 
Bhaile  'n  a  shuidhe  agus  am  ministear  agus 
a  bhean,  an  Doctair  Anderson  agus  a'  bhean, 
coig  no  sia  thuathanaich  eile  agus  am 
mnathan,  am.  bancair  agus  sia  no  seaehd 
de  mharsantan  a  Baile-chloichridh,  agus 
feadhainn  eile.-  Bha  na  buird  luchdaichte 
le  biadh  de  gach  seorsa,  feoil  is  sithionn  is 
coilich  Qga,  geoidh  is  tunnagan,  maragan 
*is  taigeis,  measan  agus  milsean  agus  iomadh 
seorsa  eile.  Bha  oigridh  na  duthcha  cruinn 
air  fad,  suas  ri  ceud  ;  an  deidh  na  suipearach 
bha  na  biiird  air  an  cur  gu  ceann  an  t-sabhail, 
agus  biadh  air  fhagail  orra  air  son  na  h-ath 
shuipeir,  agus  an  sin  thoisich  aighear  agus 
cridhealas  agus  sugradh  na  h-oidhche,  ceol 
agus  drain  agus  dannsadh,  piobaire  agus 
da  fhidhleir  agus  Ailean  Mac  Ghill-eathain 
le  melodeon. 

An  oidhche  ud  shaoileadh  tu  gu  robh 
bean-an-tighe  air  spiris-mhuUaich  a  sonais 
agus  ann  an  treine  a  heirt,  agus  nach  robh 
dad  eile  air  a  h-aire  no  'na  h-inntinn  ach  an 
oigridh  agus  na  h-aoighean  eile  a  riarachadh 
agus  a  dheanamh  sona.  Ach  fad  na  h-tiine 
bha  druma-mhulaid  a'  bualadh  'n  a  cluais 
agus  'n  a  cridhe,  agus  an  drasd  's  a  rithist 
thigeadh  am  facal  so  mar  gu'm  biodh  saighead 
'n  a  h-inntinn,  "  Bithidh  dithis  bhan  a' 
meileadh  anns  a'  mhuileann  ;  gabhar  aon 
diubh,  agus  fagar  an  aon  eile." 

Suas  gu  Nollaig  cha  do  mhothaich  an 
duine,  no  Iseabal,  no  gin  de  na  coimh- 
earsnaich,  gu'n  robh  dad  cearr  ohre,  agus 
cha  mho  a  bha  i  fhein  an  dtiil  nach  robh  i 
ann  an  deagh  shlainte.  Cha  robh  plan 
oirre,  no  dad  a  bheireadh  oirre  fios  a  chur 
air  an  doctair,  ged  bhiodh  i  ag  radh  ri 
Iseabal  nach  robh  i  a'  tuigsinn  car  son  a 
bha  i  daonnan  cho  sgith,  no  car  son  a  bhiodh 
i  a'  dusgadh  da  no  tri  dh'uairean  a  h-uile 
oidhche  le  clisgeadh  agus  an  sac  trom  ud 
air  a  h-inntinn. 


"An  ann  a'  bruadar  a  bhitheas  sibh,  a 
mhathair,"  ars  Isebal,  no  gu  de  an  sac  a 
tha  sibh  a'  faireachduinn  oirbh  fhein. 

"  Chan  urrainn  mi  innseadh  dhuit,  a 
luaidh,  oir  chan  'eil  fhios  agam  fhein  gu 
ceart,  mur  e  an  sac  a  bha  air  inntinn  lob 
an  uair  a  thubhairt  e,  An  ni  roimh  an  robh 
eagal  mor  arm,  thachair  e  dhomh  ;  agiis  an  ni 
roimh  an  robh  mi  fo  uamhitnn  thainig  e  orm." 

An  gleann  dorcha 

Ach  an  toiseach  an  earraich  bhuail  plan 
i  anns  an  uchd  agus  anns  a'  bhroilleach, 
air  a  beulaibh  agus  air  a  ciilaibh,  agus 
b'fheudar  do  na  Doctairean  innseadh  dhi 
fhein  agus  do'n  duine  agus  do  Iseabal,  agus  an 
triuir  aca  anns  an  t-seomar,  gur  e  cancer  a 
bha  oirre  an  aite  nach  gabhadh  e  gearradh. 
Ach  ciod  am  feum  a  bhiodh  ann  dhomh 
innseadh  mar  chaidh  an  galar  mealltach 
air  aghaidh,  mar  gu'm  biodh  leomhann 
acrach  a'  sealg  gu  samhach  ag  iarraidh 
cobhartaich,  ach  ged  nach  robh  Beataidh 
Hislop  sgith  d'a  beatha  agus  a  bhiodh  i 
toilichte  air  sgath  a  teaghlaich  na'm  b'e 
toil  an  Tighearna  sineadh  laithean  a  thoirt 
dhi  bha  i  ciiiin  agus  faidhidinneach  agus 
leagta  ris  an  fhreasdal  chruaidh  o'n  mhionaid 
a  dh'innis  Dr  Anderson  dhi  cho  caomhail 
's  a  b'urrainn  e  nach  rachadh  i  na  b'fhearr. 

O'n  la  anns  an  d'fhuair  i  binn  a  bais 
gus  an  do  shiubhail  i  anns  an  t-samhradh 
bha  an  seomar  anns  an  robh  an  leaba  aice 
'n  a  ionad  naomh  anns  an  tigh,  air  a  naomh- 
achadh  le  aire  agus  faiceall  agus  gaol  a 
teaghlaich,  agus  air  a  chumail  o  bhi  'n 
a  sheomar  broin  is  caoinidh  le  gliocas  am 
mathar,  a  bhiodh  daonnan  ag  radh  riu 
nach  robh  dad  a'  tachairt  dhise  no  dhaibhsan 
air  nach  robh  fhios  aig  Dia,  an  Dia  beannaicht 
agus  gaolach  nach  do  rinn  riamh  mearachd 
'n  a  fhreasdal.  Cheangail  bas  am  mathar 
cridheachan  na  cloinne  ri  'm  mathair  agus 
ri  'n  athair  agus  ri  cheile  le  cordaibh  iira. 

B'e  am  facal  mu  dheireadh  as  a'  Bhiobull 
a  bha  air  a  bilean  (agus  i  ann  am  breislieh), 
"  Geatachan  lerusaleim  a'  fas  dorcha  roimh 
'n  t-Sabaid,"  agus  am  facal  mu  dheireadh  a 
labhair  i  air  thalamh,  An  d'thainig  Derek 
dhachaidh  as  an  sgoil  ? 


Fo  Chraobh  Sheudair 


CHAN  e  so  am  Bruadar  a  chunnaic  Dughall 
Bochanan  ach  bruadar  a  chunnaic  Sasunnach 
d'am  b'ainm  Eanruic  Rogers,  oidhche  a 
bha  argumaid  aige  ri  ana-creideach  mu'n 
Bhiobull.  Bhruadair  e  gu'n  d'eirich  e 
anns  a'  mhaduinn  agus  gu'n  do  thog  e 
p,m,    Biobnll,    a    leughadh    caibideil   aig    an 


aoradh  mhaidne  a  reir  gnaths  'aithrichean, 
ach  an  uair  a  dh'fhosgail  e  a,n  leabhar 
cha  robh  dad  sgriobhte  air  na  duilleagan  ; 
bha  am  paipear  cho  geal  glan  's  ged  nach 
robh  facal  air  a  sgriobhadh  air  riamh. 
Chuir  e  bhuaith  an  leabhar  is  thog  e  Biobull 
eile,   ach   cha  robh   dad  sgriobhte   ann-san 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


5 


na's  mo.  An  sin  thainig  an  t-searbhanta  a 
dh'innseadh  dha  gu'n  robh  meirlich  anns 
an  tigh,  an  raoir,  meirlich  a  thug  leo  am 
Biobull  a  dh'fhag  i  air  a  bhord,  agus  a 
chuir  'n  a  aite  leabhar  eile  air  an  robh 
coslas  Biobuill  ach  anns  nach  robh  aon 
fhacal  sgriobhte  air  na  duilleagan. 

Dh'fhoighnich  e  dhith  ciod  eile  a  thug 
iad  leo  a  thuilleadh  air  a'  Bhiobull.  "  Sin 
an  rud  a  tha  cur  ionghnaidh  prm,"  ars  ise, 
"  cha  d'thug  iad  leo  dad  eile  ;  meirle  neonach 
a  bhi  a'  goid  Bhiobull  agus  Biobuill  cho 
pailt." 

An  uair  a  chaidh  e  a  mach  air  an  t-sraid 
thainig  caraid  a  dh'innseadh  dha  mu'n 
rud  iongantach  a  thachair  dhasan  an  raoir  ; 
bha  a  h-uile  Biobull  anns  an  tigh  air  an 
toirt  air  falbh  agus  leabhraichean  coltach 
riu  air  am  fagail  'n  an  aite  ach  gun  aon 
fhacal  'n  am  broinn.  An  uair  a  dh'innis 
e  dha  gu'n  do  thachair  a'  cheart  ni  dhasan 
thoisich  fiamh  cho  niaith  ri  ionghnadh  air 
eirigh  'n  an  cridhe.  Cha  robh  duine  a 
thachradh  riu  aig  nach  robh  a'  cheart 
sgeul  ri  innseadb,  Biobuill  gun  dad  annta 
ach  am  brod,  agus  duilleagan  geal,  glan, 
falamh.  Mar  a  sgaoil  an  naidheachd  agus  a 
sheall  daoine  air  na  Biobuill  aca  fhein  bha 
iad  uile  cinnteach,  mu'n  d'thainig  am  feasgar, 
gu'n  robh  miorbhuil  m.h6r  air  tachairt 
'n  am.  measg  ;  gu'n  robh  an  Lamh  agus  na 
meoir  neo-fhaicsinneach  a  sgriobh  aon  uair 
Facal  Dhe  [Mene,  Mene,  Tekel,  Upharsin) 
air  balla  luchairt  an  righ  Belsasar,  a  nis 
air  Facal  Dhe  a  dhubhadh  a  mach  gu 
buileach  as  an  leabhar  naom.h  anns  an  robh 
e  air  a  sgriobhadh,  agus  mar  so  a'  toirt  air 
falbh  o  chloinn- daoine  an  solus  agus  an 
tiodhlac  luachmhor  a  thug  e  diiaibh,  a 
chionn  gu'n  do  rinn  iad  dimeas  agus  dearmad 
air.  Chan  'eil  tiodhlac  a  thug  Dia  do  dhaoine 
'lach  'eil  e  'n  a  chomas  a  thoirt  bhuapa. 

A'  cheud  bhuil 

B'  e  a'  cheud  bhuil  a  bha  aig  a'  challdachd 
mhor  so  air  inntinnean  dhaoine,  gu'n  do 
thoisich  iad  air  txidh  a  bhi  aca  anns  a' 
Bhiobull  nach  robh  aca  m'an  do  chaill  iad 
e,  agus  daoine  a  bha  e  'n  a  laighe  air  an 
sgeilp  aca  fad  bhliadhnachan  gun  stiil  air  a 
thoirt  air,  bha  iad  a  nis  a'  gearradh  roimh 
cheile  gu  biithan  leabhraichean  'g  a  cheann- 
ach.  Ach  tha  clann  an  t-saoghail  so  na's 
deanadaiche  agus  na's  gniomhaiche  na  clann 
an  t-soluis  (co  dhiubh  a  tha  iad  na's  glice 
no  nach  'eil)agus  cha  b'e  Pi^ofessors,  no 
sgoilearan,  no  kichd  teagaisg  a'  Bhiobuill, 
a'  cheud  fheadhain)i  a  thainig  ehuca  fhein 
agus  a  chaidh  air  cheann  gnothuich,  ach 
Tudhaich  agus  raarsantan  a   chuir  romhpa 


buannachd  a  dheanamh  as  an  dosgainn  a 
thainig  air  an  coimhearsnaich.  An  dtiil 
gu'n  eireadh  pris  an  leabhair  chuir  iad 
fios  gu  Comunn  Naisinneach  a'  Bhiobuill, 
an  Dtm-eideann,  agus  gu  Comunn  Breat- 
unnach  a'  Bhiobuill,  an  Lunnainn,  a' 
tairgsinn  dhaibb  a  h-uile  Biobull  a  bha  aca 
a  cheannach.  Dochas  agus  saothair  dhiomh- 
ain,  oir  dh'eirich  do'n  stoc  a  bha  aca-san  'n 
an  tighean-tasgaidh  mar  dh'eirich  do  chach ! 

Thog  a'  mhiorhhuil  so  seanchas  is  argumaid 
is  connsacbadh  am  measg  dhaoine  air  nach 
d'thainig  crioch  fhathast,  agus  theagamh 
air  nach  tig  crioch  gu  brath,  oir  an  uair 
a  bhios  daoine  a'  bruidhinn  air  ni-eigin 
nach  'eil  aon  aca  a'  tuigsinn  tha  gach  aon 
aca  a'  bruidhinn  ann  an  cainnt  dha  fhein, 
agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh  bha  iad 
anns  a'  cheo  anns  an  robh  na  daoine  ud 
ann  an  tir  Shinair  a  thoisich  air  baile  agus 
ttir  ard  a  thogail  gus  an  do  chuir  an  Tighearna 
stad  air  an  obair  agus  air  an  uabhar  le 
troimh-cheile  a  chur  'n  an  cainnt.  Chan 
'eil  ann  am  briathran  ach  briathran  fhein  ; 
c'uin  a  thig  an  latha  anns  am  bi  an  aon 
chainnt  aig  daoine,  agus  an  -tuig  iad  a 
cheile,  daoine  a  tha  gun  ghaol  gun  cheol  'n 
an  cridhe  ? 

Breitheanas 

Bha  cuid  d,e  dhaoine  a'  cumail  a  mach 
nach  e  miorbhuil  a  bha  ann  idir  ach  breith- 
eanas, agus  bha  cuimhne  aca  air  iomadh 
rud  anns  a'  Bhiobull  a  bha  'g  am  fireanach- 
adh,  ach  ged  dh'ainmich  iad  cuid  dhiubh  sin, 
cha  do  rinn  e  ach  fearg  a  chur  air  each, 
agus  an  deanamli  na  bu  dannarra  'n  am 
beachd  fhein.  Lean  iad  orra  fad  tiine  mhor 
a'  deasbud  agus  a'  connsacbadh  mu  mhiorbh- 
uilean,  mu  laghannan  Naduir,  mu  bhreith- 
eanas  Dhe,  agus  mu  fhreasdal  Dhe  ;  ciod 
a  tha  iad  a'  ciallachadh,  agus  ciod  an  daimh 
a  tha  eatorra,  gun  chordadh  air  bith  'n 
am  measg  ach  a  mhain  so,  ,gur  e  am  facal 
mu  dheireadh  a  bha  aig  a  h-uile  fear,  an 
uair  a  chuireadh  each  'n  a  aghaidh,  Chan 
'eil  sibh  'g  am  thuigsinn  gu  ceart ;  chan  e  sin 
idir  a  tha  mi  a'  ciallachadh  ach  so.  Agus  an 
sin  thoisicheadh  e  as  tu  air  an  rud  a  thuirt 
e  cheana  a  radh  a  rithist.  Tha  a  chainnt 
fhein  aig  a  h-uile  neach,  agus  cha  tuig  e 
ach  a  chainnt  fhein  ;  tha  a  h-uile  neach  a' 
tighinn  beo  ann  an  saoghal  dha  fhein,  cho 
dealaichte  o  dhaoine  eile  's  ged  bhiodh  e 
leis  fhein  air  eilean.  Mar  sin  chan  e  briathran 
no  beachdan  an  tobar  as  a  bheil  uisgeachan 
citiin  agus  milis  ar  creidimh  agus  ar  dochais 
Hg  eirigh  ;  tha  iad  a'  tighinn  a  mach  a 
tobraichean  as  doimime  anns  a'  chridbe, 
air  nach  urrainn  mise  no  duine  eile  ainm  a 
chur  leis  an  aithnich  daoine  eile  iad. 


6 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


Dearbhadh  cinnteach 

Bha-  an  sealladh  a  fhuair  iad.  le  'n  suilean 
fhein  air  na  duilleagan  falamh  "n  a  dhearbhaclh 
cinnteach  do"n  chuid  bu  mhotha  de  na 
daoine  d'am.  buineadh  na  Biobuill  gur  e 
miorhhidl  a  bha  ann,  ach  bha  aon  seann 
duine,  ana-creideach  a  bha  cho  dannarra 
'n  a  bheachd  fhein  nach  robh  e  comasach 
gu'n  tachradh  niiorbhuil  ann  an  saoghal 
reusonta  a  bha  fo  laghannan  Naduir,  's 
nach  creideadh  e  a  shiiilean  fhein,  no  facal 
a  theaghlaich  agus  a  choimhearsnaich . 
"  Nonsense,"  ars  esan,"  rud  gun  tiir  a 
bhi  creidsinn  ann  am  miorbhuil  ;  eha  ruig 
sibh  a  leas  a  bhi  feuchainn  ri  sgleo  a  chur 
air  mo  shiiilean-sa,  no  bhi  ag  innseadh  bhreug 
dhomh,  a  chur  mar  fhiachaibh  orm  nach 
urrainn  dhom.h  bhi  cinnteach  gu'n  eirich 
a'  ghrian  am  maireach."  "  Co  a  tha  cur 
eadar  thu  agus  a  bhi  cinnteach  as  a'  ghrein  ?  " 
arsa  seann  duine  eile.  "  Tha,  thusa  agus 
a  h-uile  amadan  eile  a  tha  creidsinn  ann 
an  Dia,  agus  ann  an  seann  sgeulachdan  a' 
Bhiobuill,  agus  ann  an  draoidheachd  is 
buidseachas." 

Chuir  sud  stadv  air  an  t-seanchas,  oir 
chunnaic  iad  gu'n  robh  an  duine  air  fas 
doirbh.  Bha  cuid  dhiubh  com.a  co  dhiubh 
a  bha  e  soirbh  no  doirbh,  ach  bha  cuid 
eile  aig  an  robh  truas  ris,  agus  a  bha  duilich  air 
a  shon,  a  chionn  gu'n  robh  fhios  aca  gu 
de  a  rinn  ana-creideach  dheth.  'N  a  dhuine 
6g  bha  e  coltach  ri  daoine  eile,  ach  thug 
foirbheach  a  bha  laimh  ris  an  car  as  agus 
chaill  e  ceud  punnd  Sasunnach  air.  Chuir 
sin  searbhadas  agus  fuath  'n  a  chridhe 
nach  d'  thainig  riamh  as,  agus  a  nis  'n  a 
sheann  aois  thainig  a  shearbhadas  eadar 
e  is  Dia,  agus  an  eaglais,  agus  am  Biobull, 
agus  a  choimhearsnaich,  gus  nach  robh 
ann  ach  ana-creideach  agus  duine  truagh, 
anns  an  do  thiormaich  agus  an  do  shearg 
naim.hdeas  agus  fuath  am  fochann  6g  a 
bha  aon  uair  a'  fas  'n  a  anam. 

An  ochanaich 

Ged  nach  robh  na  daoine  air  an  robh 
fior  eagal  an  Tighearna,  agus  aig  an  robh 
gaol  air  a'  Bhiobull,  ag  radh  moran,  bha 
iad  mar  dhaoine  a  chaill  ceile  no  companach 
gaolach,  a'  dol  a  mach  gu'n  obair  laitheil 
le  cinn  chrom.a  agus  le  cridheachan  a  bha 
fo  thrioblaid,  a  chionn  gu'n  robh  amharus 
aca  gu'n  robh  iad  air  an  smachdachadh  le 
Dia  agus  gu'n  do  thoill  iad  e.  Is  ann  am 
measg  na  feadhnach  nach  biodh  a'-  leughadh 
a '  Bhiobuill  idir  ach  a  bhiodh  "g  a  ghleidheadh 
gu  ciiramach  ann  an  seotal  ciste,  air  a 
shiiaincadh  aim  aiu  paipear  mar  sheud 
naonih,  gus  an  tigeadh  feum  air  aig  posadh. 


no  baisteadh,  no  tiodhlacadh,  is  ann  'n 
am.  measg-san  a  bha  an  ochanaich  a  bu 
mhotha  air  son  na  calldachd  a  thainig  air 
an  .t-sa,oghal ;  caoidh  nach  cualas  a  leithid 
o'n  la  a  ghuil  clann  Israeli  air  son  Mhaois 
ann  an  comhnardan  Mhoaib. 

Thoisisch  Papanaich  air  a  radh  gu  robh 
na  Prostanaich  a'  deanamh  iodhol  de'n 
Bhiobiill,  ach  air  an  son  fhein  dheth  nach 
biodh  dith  soluis  no  teagaisg  orra,  a  chionn 
gu'n  robh  an  Eaglais  Naomh  Choitchionn 
aca,  agus  gu  'm  bu  leor  dhaibh  anns  a^ 
bheatha  dhiadhaidh  umhlachd  a  thoirt 
dhise,  Bean-ionaid  Dhe. 

Ann  an  uine  ghoirid,  chualas  gu'n  robh 
an  call  na  bu  mhiosa  na  shaoil  daoine  an 
toiseach,  agus  nach  robh  a'  bheag  de  leabh- 
raichean  eile  anns  an  robh  Dia,  no  Criosd, 
no  am  Biobull,  air  an  ainmeachadh,  a 
bha  air  am  fagail  gun  mhilleadh  no  gun 
duilleagan  a  bhi  air  an  dubhadh  asda. 
"  Tha  a  h-uile  leabhar  as  fhearr  ann  an 
litreachas  an  t-saoghail  anns  a'  bhiith 
agam,"  arsa  fear-reic  leabhraichean,  "  ach 
tha  a'  chuid  as  motha  dhiubh  a  nis  gun 
loinn,  oir  tha  iad  Ian  bhlotaichean  ;  .ball- 
dubh  cha  mhor  air  a  h-uile  duilleig,  agus 
sia  no  seachd  air  cuid  dhiubh.  Leis  an  diol 
a  rinn  an  dubhadh  so  air  an  obair,  tha 
moran  de  na  nithean  as  maisiche  a  sgriobh 
Shakespeare,  agus  Milton,  agus  Sir  Walter, 
agus  Sir  Tomas  Browne,  agus  an  duine 
caomh  Tomas  Traherne,  air  an  garnachadh, 
no  air  an  call,  no  air  am  fagail  gun  seagh. 
Ma's  e  Burns  fhein,  thug  an  dubhadh  a' 
nihil  agus  an  gath  as." 

An  Seanadh 

An  toiseach  bha  Urracha  mora  nan 
Eaglaisean  balbh,  gun  chainnt  gun  chomh- 
airle,  mar  dhaoine  gun  chompaist  ann 
an  ceo,  ach  an  uair  a  thainig  iad  chuca 
fhein  bha  na  h -eaglaisean  Prostanach  uile 
a  dh'aon  inntinn  air  a'  phuing  so,  nach 
robh  ann  an  eaglais  gun  Bhiobull  ach  tigh 
gun  solus,  gun  dorus,  gun  uinneag,  gun 
bhunait,  gun  bhiadh,  agus  mar  sin  gu'm 
feumadh  iad  feitheamh  le  irioslachd  air 
Dia,  an  dochas  gu'n  togadh  e  solus  a  ghniiise 
oi"ra  anns  a'  chomhstri  a  bha  aige  ri  shluagh  ; 
gu'n  eisdeadh  e  ri  'n  athchuingean  agus 
gu'n  tugadh  e  air  ais  dhaibh  am  Facal  Beo 
a  thug  e  bhuapa. 

Cha  b'ann  's  anlRoimh  ach  ann  an  lerusa- 
lem  a  chaidh  an  Seanadh  cruinn,  Seanadh 
a  bu  mhotha  na  Seanadh  Nicea.  Chuir 
iad  seachad  seachd  laithean  ag  urnuigh, 
agus  cho  fad  "s  a  lean  iad  air  iirnuigh  bha 
iad  a  dhaon  inntinn,  ach  cho  luath  's  a 
stad  iad  a  dhurnuigh  agus  a  chaidh  iad  air 


KO  (UUIAOBH   SllEllDAIi; 


c'lieann  a'  ghnothuich,  thoisich  deasbud 
agus  eonnsachadh,  ciiid  dhiiibh  a'  cuinail 
a  mach  nach  robli  e  idir  soilleir  ciod  an 
run  a  bha  aig  Dia  "s  an  amharc  an  nair  a 
thug  e  bhuapa  am  Biobull  ;  gu'm  faodadh  e 
a  bhith  nach  e  breitheanas  a  bha  anns  a' 
chalJdachd  a  thainig  orra  ach  trocair,  agus 
gu'm  be  toil  Dhe  Facal  iir  a  labhairt  ris 
an  t-saoghal  an  aite  an  Fhacail  a  bha  air 
fas  sean.  Bha  cuid  eile  de'n  bheachd  nach 
bu  choir  dhaibh  dad  a  dheanamh  gun  an 
comhairle  a  chur  ri  speuradairean,  agus  ri 
maithean  an  Fhoghhiim.,  agus  ri  kichd- 
ealain  a  tha  seolta  agus  innleachdach  ann 
an  sgoltadh  atoms.  Ach  thog  so  buaireas 
cho    mor    anns    an    t-Seanadh    's    gu'n    do 


dhiiisg  am  fear  a  bha  'n  a  chadal,  agus, 
feuch,  cha  robh  ann  ach  bruadar  a  chuir 
eagal  air. 


Chan  'eil  meas  air  an  tobar  gus  an  traoigh 
e.  Tha  am  Biobull  air  fhigheadh  agus  air 
a  thoinneamh  cho  teann  agus  cho  diong- 
mholta  ann  am  beatha  agus  ann  an  litreachas 
an  t-saoghail  's  gu  bheil  daoine  nach  bi 
'g  a  leughadh  a'  faotainn  maith  as,  agus 
air  am  beathachadh  le  sbruileach  bidh 
nach  'eil  fhios  aca  cia  as  a  thainig  e,  ach  a 
bhios  iad  a"  togail  an  sud  agus  an  so  mar 
bhios  eoin  bheaga  na  coille  agus  na  machrach 
a'  deanamh. 


Aig  an  Uinneig 


Brathaii  an  Bigh 

BHA  muinntir  na  h-eaglais  toilichte  a 
chluinntinn  gu'm  bi  Diuc  Ghloucester,  brath- 
air  an  Righ,  aig  an  Ard-Sheanadh  am 
bliadJma,  mar  fhear-ionaid  an  righ.  So 
an  treas  uair  o  chionn  beagan  bhliadJinachan 
a  bha  aon  de'n  teaghlach  rioghail  aig 
coinneamhan  an  t-Seanaidh.  Bha  an  righ 
fhein  ann,  m'an  d'thainig  e  dh'ionnsuidh  a' 
chrilin,  mar  Dhiuc  York  an  1929,  bliadhna 
an  Aonaidli  ;  bha  Diuc  Kent  nach  maireann 
ann,  an  1935  ;  agus  a  nis  Diuc  Ghloucester. 
Tha  so  a'  nochdadh  gu  bheil  tiidh  aig  an 
teaghlach  Rioghail  ann  an  obair  na  h- 
eaglais  agus  gur  maith  leo  gu'n  soirbhicheadh 
i  chum  's  gu'm  biodh  an  Creideamh  Crios- 
duidh  agus  a'  bheatha  dhiadhaidh  air  an 
cumail  measail  anns  an  tir.  Cha  mhor 
theaghlaichean  anns  an  rioghachd  a  tha 
cho  cuimhneach  air  dol  do'n  eaglais  air 
la  an  Tighearna  ris  an  Righ  agus  a  theaghlach. 
Bidh  a  bheatha  air  a  dheanamh  do  Dhiuc 
Ghloucester  anns  an  t-SeanadJi,  agus  toil- 
eachadh  dhaoine  air  a  dhiiblachadh  a 
chionn  gu  bheil  bean  laghach  Albannach 
aige,  a  rinn  maith,  agus  chan  e  olc,  dha 
uile  laithean  a  bheatha. 

Anndra  G.  Mac  Dhiarmaid 

Chaochail  an  duine  maith  agus  an  caraid 
caomh  so  a'  cheud  sheachduin  de'n  bhliadhn' 
uir.  Bha  e  ag  obair  mar  b'abhaist  an  la 
a  shiubhail  e,  agus  bha  mi  greis  a'  bruidhinn 
ris  beagan  iiine  m'an  do  thuit  e  as  a  sheasamh. 
Duine  cho  laghach  agus  cho  criosdail  's 
a  bha  ann  an  121  Sraid  Sheorais,  far  an 
robh  e  a'  sealltainn  thairis  air  Seomar-mor 
nan  leabhraichean,  agus  air  gach  gnothuch 
anns  an  robh  lamh  aig  a'  Chomunn  a  bhios 
a'  cur  a  mach  a'  Mhiosachain,   Beatha  agus 


Obair,  agus  dviilleagan  i^  leabhraichean 
beaga  eile  a  tha  air  an  craobh-sgaoileadh 
mu  obair  na  h-eaglais,  agus  a  tha  nis  air 
fas  cho  tiugh  ris  an  duilleach  a  tha  tuiteam 
o  na  craobhan  anns  an  fhoghar.  Ged  nach 
robh  Gaidhlig  aige  bha  baigh  mhor  aige 
ris  na  duilleagan  Gaidhlig  so,  agus  is  ann 
dha  a  dh'  fheumar  buidheachas  a  thoirt 
nach  robh  iad  air  an  gearradh  sios  an  am 
a'  chogaidh  mar  bha  na  duilleagan  Beurla. 

Bha  e  'n  a  fhoirbheach  ann  an  West 
St.  Giles,  far  an  robh  Iain  M.  Mac-an- 
Rothaich  m'  an  deachaidh  e  dh'  Eaglais 
Chaluim.-cille  an  Glaschu,  agus  cha  robh 
uair  a  thachramaid  nach  biodh  e  a'  bruidhinn 
uim.e  le  ionndrainn  ghaoil. 

Cha  robh  e  riamh  posda,  ach  bha  e  mar 
an  athair  fhein  do  na  caileagan  a  bha  ag 
obair  comhla  ris,  caom.hail  agus  faidhidin- 
neach  agus  glic  'n  a  chomhairle  ;  cho  reidh 
agus  cho  ionraic  agus  cho  coibhneil  e  fhein  's 
gu'n  ruitheadh  iad  air  an  uisge  dha.  Na'n 
cluinneadh  e  gu'n  robh  duine  a'  teagasg 
ann  an  sgoil  Shabaid  bu  leor  sin  a  dh' 
fhosgladh  dorus  a  chridhe  do'n  duine  sin. 

Braithrean  an  Tighearna 

'S  e  na  daoine  ris  an  abrar  anns  an 
Tiomnadh  Nuad.h  braithrean  an  Tighearna, 
Seumas,  loses,  ludas,  agus  Simon  (Marc — 
vi,  3).  Tha  sin  cinnteach,  ach  chan  'eil  e 
idir  cinnteach  ciod  an  daimh  anns  an  robh 
iad  dha.  Chan  ann  an  diugh  no'n  de  a 
thoisich  daoine  air  a'  cheist  so  a  rannsachadh, 
ach  cha  d'fhuair  iad  aon  cheum  na's  fhaide 
air  an  aghaidh  an  diugh  fhathast  na  seann 
aithrichean  na  h-eaglais. 

Bha  cuid  dhiubhsan  am.  beachd  gu'm 
b'e  Seumas  agus  loses  agus  ludas  agus 
Simon  an  teaghlach  a  bha  aig  loseph  o'n 


AIG   AN  UINNEIG 


cheud  mhnaoi,  agus  mar  sin  nach.  robh 
boinne  annta  de'n  fhuil  a  bha  ann  an  losa 
Criosd.  Bha  iad  ag  radh  gii'm  b'e  so  an 
t-aobhar  gu'n  do  chuir  e  Muire,  a  mhatbair, 
aiir  churam  Eoin  an  aite  a  cur  air  chiiram 
gin  de  mhic  loseiph. 

Bba  cuid  eile  dhiubh  de'n  bheachd  nach 
b'e  braithrean  a  bha  ann  an  losa  agus  anns 
a  cheathrar  ud  idir  ach  cousins,  clann  an 
da  pheathar. 

Ach  bha  cuid  eile  de'n  bheachd  gu'n 
robh  seisear  de  theaghlach,  ceithir  mic 
agus  da  nighean,  aig  Joseph  agus  Muire, 
an  deidh  dhi  losa  bhi  aice,  air  a  ghineamhuin 
leis  an  Spiorad  Naomh.  Chan  'eil  teagamh 
nach  e  so  an  doigh  as  nadurra  dhuinn 
briathran  a'  Bhiobuill  a  ghabhail,  agus 
nach  e  so  an  doigh  anns  a  bheil  a'  mhor- 
chuid  de'n  eaglais  Phrostanaich  'g  a  ghabhail 
an  diugb,  ach  air  a  shon  sin  chan  'eil  e 
idir  cho  soilleir  ri  solus  na  Sgeire  Moire, 
agus  tba  facail  anns  a'  BhiobuU  nach  'eil 
a'  comh-chordadh  ris,  air  chor  agus  gu'm  bu 
dan  a  do  dhuine  air  bith  a  radh  gu  bheil 
esan  ceart  agus  daoine  eile  cearr  a  thaobh 
an  ni  so  anns  an  d'  fhag  Dia  sinn  anns  an 
dorchadas. 

Na'n  toisichinn  air  innseadh  mu'n  deasbud 
a  thog  a'  cheist  so  am  measg  sheann  aith- 
richean  na  h -eaglais,  agus  an  dichioll  agus 
an  sgoilearachd  leis  an  do  rannsaich  iad  i, 
cha    mhor    gu'n    creideadh    an    oigridh    e, 


agus  is  docha  gu'n  abradh  iad  nach  robh 
anns  an  deasboireachd  sin  ach  faoineis 
agus  seanisan  gun  fheum.  Och,  och,  nach  e 
duine  a  labhradh  gu  suarach  mu  lerome  a 
dh'fheumadh    a     bhi    cinnteach    as    fhein ! 

B'e  an  t-aobhar  gu'n  do  rannsaich  na 
h-aithrichean  mu  bhraithrean  losa  gu'm 
bu  mhaith  leo  a  ch  reid  sinn .  nach  d'thainig 
leanabh  eile  a  broinn  Muire  ach  an  Leanabh 
Naomh,  mac  an  De  bheo,  Slanuighear  an 
t-saoghail.  Bu  mhaith  leo  a  chreidsinn, 
agus  tha  an  eaglais  Naomh  Choitchionn 
'g  a  theagasg  le  h-uile  dhearbhachd,  gu'm 
bu  mhaighdean  neo-thruaillte  an  Oigh  Muire, 
o  thus  a  laithean  gu  deireadh  a  beatha  ; 
naomh,  naomh,  naomh,  an  tim  agus  fad 
saoghal  nan  saoghal. 

Ach  cha  dean  mi  an  corr  seanchais  air  a' 
chuspair  so,  oir  is  diomhaireachd  mhor  e, 
agus  chan  'eil  eolas  no  cainnt  agam  air  a 
shon.  An  uair  a  smuainicheas  tu  air  a' 
chreutair  naomh  ud  a  bha  g:u  bhi  'n  a 
mathair  an  Tighearna,  air  a  taghadh  le 
Dia  gu  bhi  a'  coimhlionadh  a  ruintean 
siorruidh,  air  a  ceangal  ri  bantrach  de 
bhodach  aig  an  robh  seisear  chloinne  cheana, 
no  aig  an  robh  iad  ri  bhith  rithe  fhein, 
ciod  is  urrainn  dhuit  a  radh  ach  so. 

An  ddighean'diomhair  gluaisidh  Dia 
Thoirt  iongantais  mu'n  cuairt. 


Ard  Mheadhon-la 


Na'n  cuirte  ainneart  Tim  fo  cheanns', 
'S  gu'n  caisgeadh  Grian  a  turns  cian 
Tha,r  bhith-bhuantachd  nan  speur  ; 
Na'n  diiiltadh  La  do'n  Oidhch'  bhi  triall, 
Na'm  paisgte  toirm  nan  Dill  an  suain  ; 
Mur  geilleadh  blath  ni's  mo  air  geug 
A  dhuilleach  maoth  do  lar  na  tuaim, 
'S  gu  measgt'  am  boltradh  an  aon  fhlur  gun 
eug— ^ 
Aon  bhlath,  aon  bholtradh  is  aon  chuairt — 

An  sin  bhiodh  aig  Tra-noin, 
Ar  leusan  luaineach,  soills  ar  La 
lomalan  an  aon  lasair  bheo. 
Gun  chuthach  mealltachd  ann  ni's  mo, 
Neo  ceuman  crion  na  h-Uair, 
Neo  Tannasg  Bais — Fear-iuil 
Gu  dubhar  oidhch'  gun  sta. 


An  sin  cha  tugadh  Aois,-no  Bliadhn',  no  Uair. 
An  sanas  dhuinn — •'  Feuch  tha  mi  triall '  ; 
'N  sin  bhiodh  ar  bitheachd  paisgt'  an  suain 
Na  samhchair  tha  gun  Tim,  's  ar  smuain 
Ar  miann,  ar  'n  oidhirp  is  ar  ceol 
A'  faotainn  foirfeachd  ann  an  nos 
Na  grein,  na  ga®ithe,  is  nan  ros. 

0  seas  gu  diongmhalta  a  Ghrein 
Aig  aird  do  chuairt ; 
'S  biodh  do  mhuir-lan,  0  Thim 
Gun  chaochladh  anns  a'  chuan  ; 
Biodh  Meadhon-La  ar  treoir 
Is  sgeul  ar  cuairt,  gim  chrich, 
'N  co-sheisd  ri  duan 
Muir-lain  air  nach  d'thig  traigh, 

'S  an  iomlanachd  na  gaoith',  na  grein',  's 
nam  por. 

An  t-  Urr  C.  N.  Mac  Goinnich, 
Uidhist-a-Deas. 


Aireamh  4 


1949 


Di-domhnaich  Casg 

Ceud  failt  ort  a  mhaduinn 
A  mhaduinn  an  high 


'S  e  La  an  Tighearna  a  tha  anns  a  h-uile 
Sabaid  no  Domhnach  de'n  bhliadhna  ach 
ann  an  seagh  sonraichte  is  e  La  an  Tighearna 
a  tha  ann  an  Domhnach  na  Caisge,  an  la 
anns  an  d'  fhoillsieh  Dia  a  mhor-chumhachd 
ann  an  aiseirigh  a  Mhic,  a'  seulachadh  na 
buadha  a  fhuair  e  thairis  air  a'  pheacadh 
agu§  air  a'  bh^s  agus  air  an  uaigh,  agns 
a'  toirt  dearbhachd  do'n  t-saoghal  nach 
'eil  an  dochas  a  tha  sinn  a'  cur  ann  an  Dia 
mealltach  no  diomhain. 

Air  Di-haoine  na  Ceusa  bha  na  deisciobuil 
tinn  agus  fann  fo  sgail  a'  bhais,  agus  ann 
an  geimhhbh  an  eu-dochais,  ach  ak  maduinn 
na  h-aiseirigh  sheid  gaoth  chubhraidh  air 
an  anam  an  uair  a  dh'  innseadh  dhaibh 
gu'n  robh  an  uaigh  falamh  agus  gu'n  d' 
eirich  Criosd. 

Dh"  dirich  Criosd  a  nios  o'n  uaigh, 

Seinneadh  na  tha  hhos  is  shuas  ; 

Seinn  a  thalaimh,  seinn  a  neimh  ; 

Feuch  a  nis  tha  losa  bed, 

Ghabh  e  cdmhnuidh  shuas  an  Gloir  ; 

Thug  a  bhas  an  gath  o'n  bhas, 

'S  chain  an  uaigh  a  buaidh  gu  brath. 

"  Rinneadh  so  leis  an  Tighearna,  agus  is 
iongantach  e  'n  ar  suilean-ne." 

"  Beannaichte  gu  robh  Dia  agus  Athair 
ar  Tighearna  losa  Criosd,  neach,  a  reir  a 
mhor-throcair  a  dh'  ath-ghin  sinn  gu  beo- 
dhochas,  tre  aiseirigh  losa  Criosd  o  na 
mairbh,  a  chum  oighreachd  neo-thruailHdh 
agus  neo-shalach,  agus  nach  searg  as,  a 
tha  air  a  gleidheadh  anns  na  neamhan 
dhuibh-se." 

Ged  tha  an  t-ainm  Fear-dion  a'  Chreidimh 
air  a  thoirt  do  'n  Righ  chan  e  an  Righ  a 
tha  a'  dion  a'  Chreidimh,  no  am  Papa, 
ach  am  Biobull  agus  Laoidhean  na  h-Eaglais, 
agus  mar  sin  cha  bu  chall  ach  gu'm  bu 
bhuannachd  dhuinn  air  Domhnach  na  Caisge 
crioch  a  chur  air  reusonachadh  agus  air 
argumaid  mu'n  doigh  anns  an  do  thachair 
an  t-Ionghnadh  Mor  so,  agus  mu  fhianuis 


nan  daoine  a  chunnaic  e,  agus  blaths  agus 
aoibhneas  a  chur  as  ur  'n  ar  cridheachan  le 
briathran  simplidh  a'  Bhiobuill,  agus  le 
bhi  a'  seinn  le  moladh  agus  tamgealachd 
Laoidhean  na  h-aiseirigh  an  comunn  chreid- 
m.heach  eile. 

"  Dh'  eirich  an,  Tighearna  da  rkeadh 
agus  chunnacas  le  Simon  e." — Liicas. 

"  Chunnacas  'na  dheidh  sin  e  leis  an 
da  fhear  dheug  ;  'n  a  dheidh  sin  le  tuilleadh 
agus  coig  ceud  br athair  aig  an  aon  am  ; 
chunnacas  e  le  Seumas,  agus  a  ris  leis  na 
h-abstoil  uile  ;  'n  a  dheidh  sin  chunnacas 
learn- sa  e  mar  an  ceudna." — Pol. 

"  An  sin  bha  aoibhneas  air  na  deisciobuil 
an  uair  a  chunnaic  iad  an  Tighearna." 
— Eoin. 

"  Buidheachas  do  Dhia  a  tha  toirt  dhuinn 
na  buadha  tre  ar  Tighearn  losa  Criosd." 
—Pol. 

"  Gloir  do  Dhia  anns  na  h-4irdibh, 
Tha'n  Tighearn  air  eirigh  le  buaidh, 
Tha  'm  bas  air  a  shaltairt  fo  shailtean, 
'S  a'  chlach  air  a  caradh  bho'n  uaigh  ; 
Lan  dochais  gach  cridhe  bha  craiteach, 
Gu  bheil  gradh  a'  cur  folach  air  fuath  ; 
'S  tha  ainglean  a'  togail  ceol-abhachd, 
'S  a'  cur  neamh  agus  talamh  fo  bhuaidh. 

Aleliua,  Aleluia,  's  na  h-Airdibh 
Aleluia,  Aleluia,  gu  buan." 

"  Failte  do'n  la  's  an  d'  eirich  Criosd 
le  cumhachd  nios  o'n  uaigh  ; 
'S  an  d'fhuair  e  air  gach  uile  namh, 
air  ifrinn  's  bas  lan-bhuaidh. 

Do  d'  ainm  ro-ard  a  thriath  nam  buadh 

gach  uair  bheir  sinne  cliu  ; 
'S  le'r  n-ait  Hosana  failtichidh 

an  Ik  's  an  d'  eirich  thu." 

"  FaUte,  failte,  dh'  aon  mhac  Dhe, 
Thug  e  buaidh  a  mach  leis  fhein. 
Seas  fo  bhrataich,  sgaoil  an  sgeul, 
Cuir  an  crun  air  righ  nam  buadh." 


D6chas  na  Beatha-maireannaich 


Mata  19,  29 
Leis  an  Urramach  Cahim  Mac  Gilleathain,  M.A.,  Conan. 


CHAN  'eil  mir  de  thruagh-sgeul  nan  Saduis- 
each  anns  a'  chxiibhrionn  seo.  Is  e  triiagh- 
sgeul  nan  Saduiseach  aon  aobhar  de  na 
h-aobhair  air  gruaim  is  duainidheachd  ar 
n-aimsir.  B'e  am  feallsanachd-san  gur  i  a' 
bheatha  tha  lathair  an  aon  ni  cinnteach,  oir 
bha  iadsan  an  duil  nach  robh  beatba  eile 
idir  ann.  Ge  b'e  de  an  t-ainm  leis  an  sloin- 
near  an  fheallsanachd  sin  tha  basmhorachd 
innte  agus  saoghaltachd  'na  luib  an  cois  an 
eu-dochais.  Agus  ge  b'e  c6  a  nidh  dheth  gu 
bheil  ni  de  sin  anns  an  t-soisgeul  nidh  e  cus 
dheth  ;  oir  is  e  an  teagasg  a  tha  o'n  t- 
soisgeul  gur  e  an  t-siorruidheachd  an  curam 
mor,  a'  chrioch  mhor. 

Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  cuid  de  chiall 
an  ni  a  tha  againne  mar  a'  bheatha  mhair- 
eannach  no  a'  bheatha  shiorruidh  no  a' 
bheatha  shiuthain  air  a  nochdadh  san  Fhocal 
mar  "  barrachd "  a  tha  againn  anns  a' 
bheatha,  san  t-saoghal  seo.  Tiia  tobar  na 
beatha  aig  Dia,  tighdar  ar  bith  is  ar  beatha, 
agus  tha  sinne  gabhail  ri  beatha  mar  ri  ni 
maith.  Tha  deuchainn  is  doruinn,  tha  call 
is  cr^dh,  tha  bron  is  bristeadh-cridhe  againn 
'na  cois,  ach,  amach  o  dhaoine  tha  gruamach 
agus  uUamh  gu  bhi  eu-dochasach  agus  gu 
bhi  cur  gach  ni  an  suarachas,  is  e  is  fior  gur 
priseil  leis  an  duine  a'  bheatha,  oir  is  mor 
sin  an  dicheall  agus  an  spairn  a  nidh  e  a 
chum  a  cumail  aige.  Tha  nithean  ann  a 
tha  deanam.h  na  beatha  maith,  moran  aca, 
agus  cuid  aca  air  am  meas  beag  is  cumanta  ; 
tha  nithean  ann  a  tha  deanamh  na  beatha  mor 
is  luachmhor  is  tarbhach  ;  tha  nithean  ann 
a  tha  deanamh  na  beatha  uasal  is  ard. 
Thainig  Criosd  a  chum  gum  biodh  beatha 
againn  nis  ro-phailte,  a  chum  gun  cuireadh 
e  barrachd  an  luib  na  beatha  a  tha  againn. 
Saoilidh  cuid  gur  ann  a  chum  agus  gun  dean- 
adh  e  tana  i,  caol  i,  cumhann  i  a  thainig  e, 
a  chum  agus  gun  tugadh  e  an  ceol  is  a' 
chail  aisde  a  thainig  e.  Ach  chan  ann  mar 
sin  a  tha.  Agus  is  e  call  a  tha  ann  gum 
biodh  diiil  aig  daoine  gur  ann  as  aonais 
Chriosd  as  fhearr  beatha  na  leis,  oir  chan 
'eil  sin  fior.  Ach  ged  a  tha  sin  mar  sin  is  e 
taobh  eile  an  fhocail  seo,  agus  a  bhrigh  a  tha 
air  aghaidh  nam  briathran  nach  coir  dhuinn  a 
chur  air  chtil  "  beatha  mhaireannach," 
beatha  air  nach  cuir  has,  ris  an  can  sinne 
b^s  gu  nadurra,  crioch.     Beatha  tha  buarj 


agxis  a  tha  air  taobh  thall  a'  bhais  sin,  ni 
air  nach  'eil  bas  a'  cur  crioch  ;  chan  e  sin 
uile  e  ach  ni  a  tha  toiseachadh  air  taobh  thall 
a  bhais  'na  l^nachd  cheart. 

An  uair  a  chanas  na  Criosduidhean  anns 
an  eaglais  "  Tha  mi  creidsinn  anns  a'  bheatha 
mhaireannaich  "  is  e  an  dara  ni  seo,  a'  chuid 
mu  dheireadh  seo,  a  tha  iad  gu  h-araid  a' 
togail  fa  chomhair  a  cheile  is  an  t-saoghail 
m.ar  an  ni  a  tha  iad  a'  creidsinn.  Car  son, 
ma  ta,  a  tha  sinne  beo  an  saoghal  lar- 
Eorpach,  fo'n  ainm  Criosdachd  gu  minic, 
anns  nach  'eil  daoine  toirt  geill  gu  h-ullamh 
is  gu  coitchionn  do'n  aidmheil  seo  ;  agus 
car  son  a  tha  an  eaglais  i  f  hein  cho  marbh  agus 
cho  beag  dochais  mar  mJiuinntir  aig  am  bu 
choir  gum.  biodh  seo  mar  roinn  ard  is  chudth- 
romach  de  an  Soisgeul  ? 

Tha  mi  an  dtiil  gun  tainig  cuid  de  sin 
oirnn  air  caochladh  rothaidean.  Thainig 
cuid  de  oirnn  air  slighe  nam  feallsanach. 
Anns  an  linntean  deireannach  seo  thainig 
ath-bheothachadh  mor  san  t-saoghal 
Eorpach,  air  sgoil  nam  feallsanach,  agus 
thainig  daoine  gu  bhi  glacadh  chuca  aislingean 
agus  caistealan  na  feallsanachd  mar  nithean 
aig  an  robh  talamh  cruaidh  mar  bhunait. 
Faodaidh  e  bhi  nach  robh  na  feallsanaich  iad 
fhein  an  comhnuidh,  air  a'  chuid  a  bu  lugha 
muinghin  'nan  cinn  fhein,  agus  gun  robh  iad 
a'  gabhail  cinnt  air  ni  nach  robh  ach  'na 
amharus  !  Am  measg  luchd-sgoile  tha 'againn 
an  da  sheorsa.  Is  toigh  le  aon  seorsa  a  bhi 
sgriobhadh  agus  a'  labhairt  mar  dhaoine  air 
nach  do  chuir  teagamh,  no  amharus  eile, 
bacadh  riamh.  Tha  gach  ni  a  bhios  aca 
cho  cinnteach  ris  a'  ghunna !  Tha  an  seorsa 
eUe  pailt  cho  eolach  agus  pailt  cho  fiosrach 
ach  tha  iad  Ian  de  teagamhan,  agus  de 
shealladh  air  nithean  eile  agus  taobhan  eile, 
a  tha  'gam  fagail  fad  a  o  bhi  cur  nan  nithean 
a  tha  'nan  inntinnean  fhein  an  inntinnean 
chaich  mar  facal-deiridh  agus  facal-finid  na 
firinne.  Agus  is  e  cuid  de  challdachd  na 
ctiise  gu  bheil  an  gnith-dhuine  air  leth  uUamh 
gu  bhi  toirt  a  Ian  aonta  agus  creideas  do 
dhaoine  ris  an  canar  na  h-urracha  mora, 
cinn  an  eolais  is  cinn  an  fhoghluim,  na 
h.-ex]}erts.  Agus,  mar  a  sgriobh  mi,  bha  cuid 
de  na  daoine  sin  ro  dhana  agus  ro  ullamh  gu 
bhi  fagail  dealbhan  am  mac-meanma  fein 
aig  daoine  eile  mar  iomlan  na  firinne  ;   agus 


DOCHAS  NA  BEATHA-MAIREANNAICH 


bu  ro-bhochd  siii  mar  chleas,  agus  bu 
bhochd  a  thoradh.  Bha,  a  ris,  seo  ann, 
cha  robh  na  feallsanaich  sin  a'  deanamh 
cudthrom  de  cheist  na  siorruidheachd ; 
agus  cha  robh  iad  anns  na  linntean  deireann- 
ach  seo,  a'  gabhail  orra  a  bhi  ag  aideachadh 
Dhe  fhein.  Is  e  bha  aca-san  ceistean  eile, 
"An  Fhirinn,"  "Am  Maitheas,"  agus  "An 
Ailleachd,"  agus  sgriobhadh  iad  gu  briosg, 
briathrach,  lan-eolasach,  fad-chuimhneach 
orra  sin  fad  laithean  ioralan  am  beatha,  gun 
dragh  a  bhi  aca  mar  chuspairean,  de  Dia  no 
de  dhiadhachd  no  de  shiorruidheachd.  Ciod 
e  ceartas  ?  Ciod  e  an  dearbh  ni  a  tha  toirt 
air  daoine  a  bhi  roghnachadh  "  maitheas, 
firinn  is  aile  1  "  An  e  buanachd,  no  solas  ? 
No  an  e  gun  robh  ni-eigin  annta  siud  mar 
am  buaidh,  fhein  a  bha  toirt  air  daoine  a 
bhi  'g  an  aideachadh  agus  'g  an  sireadh  air 
an  sgath  fhein  gun  siiil  idir  ri  buannachd  no 
sogh  no  sonas  no  mil  a  bheireadh  daoine 
asda  ?  Thainig  m.6ran  de  luchd-eolais  ar 
linntean  fo  bhuaidh  feallsanachd  araid  a 
thainig  for  bhlath  an  inntinnean  dhaoine 
eagnaidh,  araidh,  do  am  bu  chomh-dhunadh 
gun  robh  na  nithean  seo,  cuspairean  na 
feallsanachd  air  an  sgath  fhein !  Gun  robh 
ni-eigin  de  dhleasdanas  air  a  leagail  air 
daoine  o  bhi  taobhadh  nan  nithean  sin  gun 
suil  idir  ri  buannachd  no  cur-seachad  no 
milseachd  a  gheibheadh  daoine  'nan  luib. 
Thainig  sin  gu  bhi  na  Ard-fhoghlum  anns  na 
h-oilthighean  agus  gu  bhi  aig  oileanaich  a 
bha  toirt  ceum  an  airde  gu  colaistean  na 
diadhachd.  Thainig  ginealach  is  ginealach 
gu  bhi  againn  'nan  luchd-teagaisg  a  bha  na 
bu  deimhine  m.u  na  nithean  sin  na  bha  iad 
as  an  t-soisgeul !  Ni  h-eadh  is  e  thainig  as 
gun  robhas  gu  trie  a'  laimhseachadh  an 
t-soisgeul  mar  gun  deanta  oidhirp  air  a 
reiteach  air  chor  agus  nach  deanadh  e  labh- 
airt  an  aghaidh  ni  a  bha  aig  feallsanaich,  oir 
b'e  sin  an  ni  cinnteach ! !  Chaidh  mar  sin 
dearm.ad  a  dheanam.h  air  a  bhi  deanamh 
beagan  de  an  t-saoghal  a  tha  lathair  is  moran 
de  an  t-saoghal  a  tha  gu  teachd.  B'e  an  ni 
mor  gun  tigeadh  daoine  gu  bhi  roghnachadh 
"  m.aitheis  "  air  a  sgath  fein,  gun  siiil  idir 
ri  buannachd  air  bith  a  bhi  ann.  Is  ann  a 
bha  daoine  mar  gum  biodh  naire  orra  gun 
saoUte  gur  ann  air  sgath  ni  idir  ach 
"  m.aitheas  "  a  bha  daoine  a'  sireadh  na 
nithean  cearta. 

Gre  b'e  air  bith  buannachd  a  thainig  gu 
luchd  searmonachaidh  an  Fhocail  trid  an 
"  eolais  "  seo  chan  'eil  teagamh  nach  tainig 
call  leis  cuideachd.    Thainig  e  gu  bhi  furasda 


a  bhi  ri  feallsanachd  an  aite  bhi  ri  soisgeul ; 
agus  thainig  daoine  gu  bhi  gabhail  'soisgeul' 
air  ni  nach  soisgeul  ann. 

Rud  a  tha  gle  neonach  anns  an  t-saoghal 
cheudna,  anns  an  roinn  deth  air  a  bheil 
gnothuich  no  feill  is  marsantachd  no  gniomh- 
achas  cha  deachaidh  am  feallsanachd  cheudna 
cho  domhain  sios.  Chan  e  nach  robh  daoine 
an  sas  an  obair  an  t-saoghail,  agus  maoin  an 
t-saoghail  aca,  a  bha  pailt-lamhach  anns 
gach  rathad  a  bha  aca  air  a  bhi  deanamh 
maitheas,  ach  is  e  bha  soillek  gun  robh  na 
daoine  sin  cinnteach  gum  bu  ni  ceart  e  do 
dhuine  air  bith  urrad  de  bhuanachd  agus  de 
chosnadh  a  dheanamh  agus  a  ghabhadh 
deanamh,  cho  laghail  is  a  ghabhadh  sin 
deanamh  dha.  Agus  eadhoin  an  diugh  fhein 
tha  iad  ann  a  chumas  a  .mach  gu  bheil  e 
do-dheanta  do  dhaoine  m,aitheas  air  bith  a 
dheanamh  mur  bi  buannachd  ann  daibh  fein  ! 
Tha  an  saoghal  lar-Eorpach  anns  an  t- 
suidheachadh  neonach  seo  gun  do  thogadh 
a  m.huinntir  air  feallsanachd  "  maitheas  air 
sgath  maitheis  "  ach  gm-  e  bunait  am 
marsantachd  is  an  gniomhachais  buannachd 
do  duine,  buannachd  do'n  chomh -luchd,  no 
buannachd  do'n  ddthaich !  Ach  tha  an  da 
roinn  car  eigin  nas  coltaiche  ri  chede  ann  a 
bhi  deanamh  mor  de'n  aimsir  a  tha  lathair 
agus  a  bhi  deanamh  beag  de'n  t-saoghal  a 
tha  ri  teachd.  Tha  rothaidean  ede  ann, 
ach,  cha  cheadaich  Hine  dhuinn,  an  drasda 
dhol  a  mach  orra.  Ach  seo  a  ni  tha  fior, 
cho  luath  agus  a  theid  sinn  a  dh'ionnsaidh 
an  Tiomnaidh  Nuaidh  gu  bheil  sinn  a' 
faotainn  claidheamh  a  tha  deanamh  sgaradh 
glan  duinn  troimh  nan  coilltean  seo.  Tha 
solus  eile  againn.  Tha  binn  ede  againn. 
An  aite  bhi  deanamh  cus  de'n  aimsir  a  tha 
lathair,  agus  a'  chuid  sin  de'n  bheatha  a 
tha  smeadh  eadar  sinn  agus  am  has,  tha 
Pol  a'  sgriobhadh  gur  h-iad  na  Criosdaidhean 
seorsa  as  truaighe  tha  ann  ma  is  anns  san 
t-saoghal  seo  a  mhain  a  tha  an  dochas ! 
De  a  chanadh  Pol  ri  feallsanaich  na  linne 
nuaidhe  seo  a  chanadh  ris,  "  Nach  coma 
dhuit  mu  shaoghal  eile  ?  Is  leoir  dhuit  e 
seo  fhein  agus  '' maitheas,  firinn,  is  aile." 
A !  Phoil,  c'ait  a  bheil  an  trom-luchd  gloire  a 
bha  amhghairean  na  beatha  seo  ag  obrachadh 
dhuit  ? 

"  An  saoghal  a  tha  ri  teachd."  Agus  chan 
'eil  annainne  ach  luchd-cuairt ;  agus  tha  ar 
bade-diithchais-ne  air  neamh ! 

Thuirt  Criosd  ri  Peadar  "  Gheibh  e  a 
cheud  uidhir,  agus  sealbhaichidh  e  a'  bheatha 
shiorruidh," 


Anns  a'  Chathair 


AN  drasd  's  a  rithist  bithidh  mi  g  am 
thoileachadh  fhein  le  bhi  a'  tionndadh 
caibidealan  de'n  Bhiobull  Bheurla  aig  Moffat 
gu  Gaidhlig  gun  sealltainn  air  BiobuU  eile 
(Eabhra,  no  Greigis,  no  Beurla,  no  Gaidhlig) 
ach  e' fhein,  agus  chuireadh  e  ionghnadh  ort 
cho  eu-coltach  's  a  bhios  a'  Ghaidhlig  sin  air 
uairean  ris  a'  Bhiobull  Ghaidhlig  a  bhios 
sinn  a'  leughadh  arms  an  eaglais  ;  cho  fada 
o  cheile  's  nach  saoileadh  tu  gur  e  am  Biobull 
no  cainnt  naomh  a  tha  ann  idir.  A  dh'ain- 
deoin  na  bhios  daoine  ag  radh  mu'n  t-solus  a 
tha  an  t-eadar-theangachadh  ud  no  an 
t-eadar-theangachadh  ud  eile  a'  tilgeadh  air 
a'  Bhiobull,  tha  amharus  agam  nach  'eil  an 
solus  idir  cho  mor  's  a  tha  sinn  a'  saoilsinn. 

Tha  fhios  agam  gu  bheil  a"  chuid  as  motha 
de  mhuinntir  na  h-eaglais  an  diugh  de'n 
bheachd  gu  bheil  e  'n  a  chnap-starra  do'n 
oigridh  agus  do'n  ghineal  so  am  Biobull  a 
bhi  air  a  sgriobhadh  arms  a'  chainnt  anns  an 
do  chuir  sgoilearan  Righ  Seumas  e  an  1611, 
agus  gu'm  biodh  e  'n  a  bhuannachd  do'n 
eaglais  na'n  robh  e  air  eadar-theangachadh 
as  ur  agus  air  a  chur  ann  an  cainnt  a  thuigeas 
a'  ghineal  6g. 

Cha  bu  mhaith  learn  cur  an  aghaidh 
rud  air  bith  a  tha  daoine  eile  an  diiil 
gu'm  biodh  e  'n  a  bhuannachd  do'n 
eaglais  agus  do'n  Chreideamh  Chriosduidh, 
ach  an  uair  a  gheibh  iad  run  an  cridhe  agus 
a  chuireas  iad  deise  hi  air  Pol — am  fear  as 
feumaiche  oirre — tha  amharus  agam  gu'm  bi 
sinn  direach  far  an  robh  sinn  roimh,  gun  a 
bhi  aon  cheum  na's  fhaide  air  ar  n-aghaidh. 
Chan  e  cainnt  a'  Bhioduill  a  tha  toirt  air 
daoine  tionndadh  air  falbh  o'n  eaglais  agus 
o  Dhia  ach  cion  tuigse  agus  cion  toile  annta 
fhein.  Nach  uamhasach  an  diteadh  e  air 
doigh-theagaisg  nan  eaglaisean,  agus  air 
eanchainn  Shasunnach  is  Albannach,  gu 
bheil  briathran  an  Leabhair  Naoimh  a  tha 
air  a  sgriobhadh  arms  a'  chainnt  as  maisiche 
agus  as  u aisle  a  bha  riam.b  air  a  sgriobhadh, 
a  nis  air  fas  cho  neonach  'n  ar  cluasan  's 
nach  'eil  anns  a'  Bhiobull  dhuinn  ach 
toimhseachain  is  dubh-fbacail  nach  'eil  sinn 
a'  tuigsinn!  Is  an-aoibhinn  dhaibhsan  a 
thug  air  falbh  iuchair  an  eolais. 

Mionnt  agus  cuimin 

Is  toigh  leam  a  bhi  a'  leughadh  a  h-uile 
eadar-theangachadh  iir  a  thig  a  mach,  agus 
cha  do  leugh  mi  gin  dhiubh  riamh  gun 
bhuannachd  dhomh  fhein,  facal  an  sud  agus 
an  so  air  a  dheanamh  beo  dhomh  le  bhi  air 


atharrachadh,  air  an  deachaidh  mi  seachad 
iomadh  uair  anns  an  t-seana  Bhiobull  gun 
aire  a  thoirt  dha,  ach  air  a  shon  sin  chan 
'eil  arms  an  atharrachadlx  a  rinn  iad  ach 
sbruileach  beag  de  cheartachadh — deachamh 
as  a'  mhionnt  agus  as  a  chuimin — an 
coimeas  ris  a  chuid  mhor  agus  chudthromach 
de'n  Leabhar  a  dh'fhag  iad  mar  a  fhuair 
iad  e.  Chan  'eil  gin  de  na  Biobuill  iira  sin  a' 
deanamh  Facal  Dhe  na's  simplidhe  no  na's 
fhusa  a  thuigsinn  na  tha  e  anns  an  t-seana 
Bhiobull.  Ciamar  a  dheanadh,  oir  an 
uair  a  thoisicheas  tu  air  litrichean  Phoil  a 
thionndadh  gu  Beurla  no  gu  Gaidhlig  chan 
e  ciod  a  theireadh  Pol  an  diugh  na'n  robh  e 
a'  bruidhinn  ri  muinntir  Albami,  no  ciod  a 
tha  thu  an  diiil  a  bha  e  a'  ciallachadh  a 
dh'fheumas  tu  a  chur  sios  air  an  duilleig, 
ach  ciod  a  thubhairt  no  sgriobh  Pol,  Facal  air 
an  fhacal.  Chan  'eil  e  furasda  leabhar  air 
bith  a  thonndadh  o  aon  chanain  gu  canain 
eile,  ach  an  uair  a  tha  leabhar  agad  ri 
thionndadh  a  tha  thu  a'  creidsinn  gur  e 
facal  agus  foillseachadh  Dhe  a  tha  ann,  air  a 
dheachdadh  leis  an  Spiorad  Naomh,  leabhar 
a  tha  e  air  a  thoirmeasg  dhuinn  dad  a  chur 
ris  no  dad  a  thoirt  uaith,  tha  an  obair  sin 
duilich  da  rireadh.  Gu  ma  maith,  ma  ta,  a 
theid  leis  a'  bhuidheann  dhochasach  a  chuir 
sinn  air  leth  anns  an  Ard-Sheanadh  a  reiteach- 
adh  na  slighe  do'n  ghineal  oig  nach  'eil  a' 
tuigsinn  cainnt  a'  BhiobuUl. 

Cion  teagaisg 

Cha  tuig  duine  air  bith  am  Biobull  gun 
bhi  air  a  theagasg,  "agus  cha  robh  is  chan 
'eil  am  Biobull  air  a  theagasg  dhuinn  cho 
maith  's  a  bha  leabhraichean  eile  air  an 
teagasg  dhuinn  anns  an  sgoil.  An  uair  a 
bha  mi  anns  an  sgoil  bha  Gramar  Beurla  air  a 
theagasg  dhuinn  as  an  leabhar  aig  Bain — 
Professor  tioram  ann  an  Obar-eathain  nach 
leigeadh  facal  seachad  gun  a  mhuieachadh 
no  roineag  gun  a  sgoltadh — -ach  na'n  robh 
an  treasa  cuid  de'n  tiine  agus  de'n  t-saothair 
a  thug  sinn  do  Ghramar  Bhain  air  a  thoirt 
do'n  Bhiobull  Bheiu-la,  chan  e  mhain  gu'm 
biodh  Beurla  mhaith  againn  ach  bhiodh 
eolas  againn  air  na  sgriobtuirean  cho  maith 
ri  ApoUos  no  ris  na  Rabbaidhean  ludhach. 

An  uair  a  sheallas  mi  air  m'ais  air  m'oige 
fhein,  air  mo  thogaU  am  measg  dhaoine  aig  an 
robk  meas  air  a'  Bhiobull,  bithidh  e  a'  cur 
ionghnaidh  orm  cho  beag  teagaisg  's  a  bha 
air  a  fiheanamh  air  a'  Bhiobull  anns  an  eag- 
lais. Bha  caibideal,  no  gle  thric  leth  caibideil, 
air   a   leughadh,    ach    b'e   sin   uile   e ;    gun 


ANNS  A'  CHATHAIR 


mhitieachadh,  no  iomradh  air  c6  sgriobh  i, 
no  car  son  a  bha  i  air  a  sgriobhadh,  mur 
robh  an  searmon  air  a  steidheachadh  oirre. 
Bha  an  searmon  agus  na  h-tirnuighean  agus 
an  t-seinn  cho  fada  's  nach  robh  nine  aig  a' 
mhinistear  air  a'  Bhiobtill  a  theagasg. 

An  sgoil  Shabaid 

Bhithrnn  a',  dol  do'n  sgoil  Shabaid,  a  bha 
air  a  teagasg  le  foirbheaeh  beag  aig  nach 
robh  ealain  air  bith  air  teagasg,  ach  cha  robh 
dad  air  a  theagasg  dhuinn  innte  ach  soisgeul 
Eoin  a  leughadh  ann  an  Gaidhlig,  agus  rann 
de  Shahn  a  bhi  againn  air  ar  teangaidh. 
Tha  cuimhne  agam  fhathast  an  1^  a  dh' 
aithris  mi  dha,  gun  mJiearachd  facail, 

Car  son  a  ghabh  na  cinnich  boil, 
's  na  sloigh  le  cheile  cruinn, 
A'  smuaineachadh  beairt  dhiomhanaich 
nach  feudar  chur  an  suim. 

— nach  robh  fhios  agam  air  an  t-saoghal  c6 
iad  na  cinnich,  no  gu  de  bha  na  facail  boil 
agus  sloigh  agus  beairt  dhiomhanaich  a' 
ciallachadh,  gus  an  d'fhaighnich  mi  d'am 
mhathair  an  deidh  dhomh  dol  dhachaidh. 
Duine  neonach  a  bha  anabarrach  fiosrach 
anns  a'  Bhiobull  e  fhein,  ach  nach  robh  idir 
freagarrach  air  a  bhi  air  cheann  sgoil  Shabaid, 
oir  cha  robh  dad  aige  ri  innseadh  dhuinn 
ach  mu  ghleachd  fhiadhaich  a  bhiodh  aige 
ri  Satan.  Bha  feadhainn  de  na  balaich  ris  an 
taitneadh  na  naidheachdan  sin  gu  gasda, 
ach  cha  bu  toigh  leamsa  iad  idir,  agus  a 
dh'innseadh  na  firinn,  cha  robh  mi  'g  an 
creidsinn. 

La  a  bha  simi  a'  leughadh  mu  Lasarus, 
a  bha  air  a  thogail  o  na  marbhaibh,  sheall 
e  gu  diir  air  a'  bhalach  a  bha  laimh  rium, 
agus  thuirt  e  ris,  "  A  bheil  thu  a'  creidsinn 
gu  'n  eirich  na  mairbh  a  tha  anns  a'  chladh 
sin  thall  ?  "  "Chan  'eil,"  ars  am  balach  gu 
firinneach  agus  gu  neo-chiontach.  Dhtiin  e 
am  Biobull  le  sgailc,  thuit  a  ghnuis,  ach  is  e 
na  thubhairt  e,  "  Tha  aobhar  a  bhi  creidsinn 
gu  bheil  Sadusaich  an  so  fhathast."  Ach 
cha  d'innis  e  dhuinn  c6  iad  na  Sadusaich  no 
ciod  an  gnothach  a  bha  aca  ris  na  mairbh. 
An  uair  a  chaidh  sinn  a  mach  agus  a  bhruidh- 
inn  sinn  am  measg  a  cheile  cha  robh  fhios 
aig  gin  againn  ciod  an  seorsa  dhaoine  a 
bha  annta,  ach  chom.h-dhtiin  sinn  gu'm  bu 
droch  dhaoine  iad,  a  chionn  gu  'n  robh  iad 
daonnan  air  an  cur  ak  an  aon  ghad  ris  na 
Pharasaich,  agus  cha  chuala  simi  riamh 
facal  m.aith  air  a  radh  umpa-san.  Cha 
chuala  mi  riamh  na  Pharasaich  air  am 
moladh  ann  an  eilean  mo  dhtithchais  ;  cha 
chuala  mi  aon  diubh  air  a  mholadh  gus  an 
deachaidh  mi  do'n  class  aig  Professor  Ceann- 


aideach,  a  bha  teagasg  Eabhra  an  Oilthigh 
Dhim-eideann.  Ach  is  e  th^inig  as  an 
fhreagairt  a  thug  am  balach  ud  do'n  cheist 
a  chuireadh  air,  gu'n  d'thug  sinn  am  far- 
ainm  Sadusach  air,  peanas  nach  do  thoUl  e, 
oir  cha  robh  balach  eile  anns  an  sgoil  a  bu 
mhodhaile  no  bu  laghaiche  na  e. 

Daorsa  na  litreach 

Tha  aobhar  agam  a  bhi  tauigeil  air  son 
iomadh  ni  maith  a  thug  mo  mJi^thatr  dhomh, 
agus  dileab  mhaith  a  dh'fhag  i  agam,  ach  gu 
sonraichte  air  son  teagasg  agus  beach  dan 
agus  smuaintean  mu'n  Bhiobull  a  chuir  i  'n 
am  cheann  m'an  robh  mi  ceithir  bliadhna 
deug  a  dh'aois,  teagasg  a  shaor  mi  o  m'oige 
o  dhaorsa  na  litreach.  Chan  'eil  fhios  agam 
c'kite  an  d'ionnsaich  i  fhein  e,  no  ciamar  a 
bha  iiine  aice  a  theagasg  dhomhsa,  agus 
uiread  aice  ri  dheanamh,  a'  togail  ochdnar 
de  theaghlach,  ach  m'an  d'fhag  mi  an  tigh 
a  dhol  do'n  sgoil  an  lonarnis,  bha  an  creid- 
eamh  so  air  a  shuidheachadh  gu  diongmhalta 
'n  am  inntinn  nach  ann  ann  an  litir  a' 
Bhiobuill  a  dh'fheumainn  sealltuinn  air  son 
neo-mhearachdas  a'  Bhiobuill  ach  anns  an 
fhoillseachadh  air  fhein  a  rinn  Dia  do  na 
daoine  a  sgriobh  e  ;  gu  bheil  foillseachadh 
is  Facal  Dhe  air  am  measgadh  ri  briathran 
agus  beachdan  dhaoine  ;  agus  ged  nach 
robh  leabhraichean  a'  Bhiobuill  air  an 
sgriobhadh  aig  an  aon  am,  agus  a  dh'fhoillsich 
Dia  e  fein  uidli  ar  n-uidh,  gu  bheil  ceangal 
aig  a  h-uile  leabhar  anns  a'  Bhiobull  ri  cheile, 
agus  gu  bheil  iad  a'  toirt  fianuis  mu  Chriosd, 
leabhraichean  an  t-Seann  Tiomnaidh  a' 
sealltuinn  air  thoiseach  orra,  'g  a  fhaicinn 
fada  bhuapa,  gu  fann,  agus  leabhraichean 
an  Tiomnaidh  Nuaidh  a'  sealltuinn  air  'n  a 
mhaise,  mar  sholus  an  t-saoghail,  anns  an 
robh  uile  gheallaidhean  Dhe  air  an  coimji- 
lionadh . 

Ma  shaoileas  tusa,  a  leughadair,  nach  bu 
mhor  an  dileab  so,  chan  e  sin  m'fhiosrach- 
adh-sa  ;  tha  mi  cinnteach  gu  bheil  e  maith 
do  dhaoine  oga  beachdan  reusonta  a  bhi  aca 
air  a'  Bhiobull  m'an  coinnich  iad  ri  naimhdean 
a'  Bhiobuill,  agus  gu  bheil  e  'n  a  bhuannachd 
do  chloinn  an  teagasg  sin  fhaotainn  o 
pharantan  air  a  bheil  gaol  aca  agus  anns  a 
bheil  earbsa  aca,  agus  a  tha  fhios  aca  gu 
bheil  gaol  aca  fhein  air  a'  Bhiobull. 


Ach  ged  tha  fhios  againn  uile  nach  'eil  am 
Biobull  air  a  theagasg  cho  maith  's  a  bu 
choir  dha  anns  na  sgoilean  seachduin  agus 
Sabaid,  no  anns  an  eaglais  agus  an  classaich- 
ean  Biobuill  chan  'eil  e  furasda  a  radh  c6  aige 
a  tha  a'  chohe,  no  ciamar  a  ghabhas  e  cear- 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR 


tachadh.  Anns  na  sgoilean  agus  ann  an  eaglais 
tha  gu  leoir  de  luchd-teagaisg  maith  a  bhiodh 
toUichte  na'n  robh  uine  air  a  thort  dhaibh 
a  theagasg  a'  Bhiobuill.  Ach  cha  toir  sin 
uine  dhaibh.  Ciod  an  teagasg  a  ghabhas 
deanamh  anns  an  Sgoil  Sh^baid  ann  am 
fichead  mionaid  's  an  t-seachduin,  no  anns 
an  eaglais  fad  uair  agus  ceathramh,  an 
uair  a  tha  da  chaibideal  air  an  leughadh, 


tri  iirnuighean,  da  ahearmon  (fear  do'n 
chloinn),  saihn  no  laoidhean  air  an  seinn 
coig  uairean,  agus  sanas  air  a  thoirt  mu 
gach  comunn  beag  no  mor  a  bhios  a' 
coinneachadh  air  an  ath  sheachduin. 

Nach  bu  mhaith  do'n  eaglais  na'n  robh 
sgoil- Bhiobuill  anns  a  h-uile  coimhthional  do 
dhaoine  o  ochd  deug  gu  ceithir  fichead, 
gun  searmon  gun  seinn ! 


Fo  Chraobh  Sheudair 


THA  mughadh  mor  eadar  an  darach  agus  an 
t-eidheann,  neart  an  daraich  a'  toirt  dulain 
do'n  ghaillionn,  agus  gun  neart  anns  an 
eidheann  a  chumas  'n  a  sheasamh  e  mur 
bheil  taic  aige.  Sin  mar  tha  na  daoine  ; 
tha  uiread  dealachaidh  eatorra  's  a  tha 
eadar  an  darach  agus  an  t-eidheann,  cuid 
dhiubh  cruaidh,  duineil,  deanadach,  neo- 
eisiomaileach ,  ach  cuid  eile  gun  sgoinn 
gun  sprachd ;  buigileagan  anns  nach  'eil 
smuais  no  fearalas.  Nach  b'  olc  an  gnothuch 
gu'm  fasadh  na  buigileagan  lionmhor,  no 
gu'm  fasadh  an  seorsa  eile  gann,  an  seorsa 
aig  a  bheil  earbsa  'n  an  neart  fhein  agus 
misneach  a  dhol  air  cheann  gnothuich. 

An  uair  a  bha  mi  'n  am  bhalach  bha  e 
air  iarraidh  orm  leis  a'  mhaigh stir- sgoil, 
agus  air  a  chomhairleachadh  dhomh  le 
daoine  glic  eile  leis  nach  bu  mhaith  droch 
chomhairle  a  thoirt  orm,  leabhraichean 
Samuel  Smiles  a  leughadh,  leabhraichean 
anns  a  bheil  obair,  agus  dichioll,  agus  stuam- 
achd,  agus  cruadalachd,  air  am.  m.oladh, 
agus  moran  de  naidheachdan  beaga  laghach 
gun  chron  annta,  ag  innseadh  mu  dhaoine  a 
shoirbhich  anns  an  t-saoghal  le  bhi  curamach 
mu  na  sgillinnean,  agus  le  bhi  ag  obair 
na  b'  fhaide  'n  an  companaich  ;  daoine  a 
thoisich  le  leth-chrun  's  an  t-seachduin  ach 
le'n  dichioll  agus  an  stuamachd  agus  an 
caomhnantachd  fhein  a  rinn  fortan  air  a' 
cheann  mu  dheireadh.  Ach  tha  iad  ag 
innseadh  dhomh  a  nis  nach  e  mbain  nach 
'eil  iarraidh  air  leabhraichean  Samuel  Smiles 
an  diugh,  ach  gu'm  bi  a'  ghineal  6g  a' 
magadh  air  fhein  agus  air  a  theagasg. 

Fanaidh  an  talamh 

Chan  'eil  fhios  agam  am  bi  moran  de'n 
ghineil  dig  a'  leughadh  nan  duilleagan  so, 
ach  bu  mhaith  leam  naidheachd  innseadh 
dhaibh  mu  bhalacd  aig  nach  robh  leth-chrun 
fhein  an  tus  a  thoiseachaidh,  ach  aig  a 
bheil  a  nis  stiall  mhaith  de  dh'  fhearann  saor 
as  a'  ghnumd  anns  an  sgir  anns  an  do 
rugadh    c,    rud   air   a    bheil   na    Sasunnaick 


cho  gaolach  s  a  tha  iad  air  saorsa  agus  air 
leann.  An  uair  a  bhios  balach  Gaidliealach 
a'  faicinn  aislingean  anns  an  oidhche,  no 
a'  gloir-bhruadar  'n  a  dhusgadh  anns  an 
la,  chan  e  sguaban  arbhair  a  bhios  e  a' 
faicinn  a'  deanamh  umhlachd  d'a  sguaib 
fhein,  no  crodh,  no  crann,  no  treabhadh, 
oir  chan  'eil  gaol  an  talaimh  'n  a  chridhe 
gu  nadiirra,  ach  tha  gaol  an  talaimh  agus 
ealain  air  an  talamh  a  cheannsachadh  ann  an 
cridhe  an  t-Sasunnaich  o  chionn  nan  ceudan 
bliadhna,  agus  is  e  an  sealladh  as  boidhche 
leis  fo'n  ghrein  achadh  cruithneachd  a' 
fas  buidhe  anns  an  fhoghar.  Tuathanaich, 
treabhaichean,  agus  sgalagan,  a  tha  ag 
oibreachadh  agus  a'  leasachadh  an  talaimh, 
sin  fior  stoc  na  tire  d'  am  buin  an  talamh 
mar  oighreachd.  Sin  na  sagartan  a  tha  a' 
frithealadh  as  an  leine,  a'  riarachadh  air 
an  dvithaich  toirbheartas  agus  tiodhlacan 
Dbe,  "  Tha  aon  ghinealach  a'  siubhal, 
agus  ginealach  eile  a'  teachd  ;  ach  fanaidh 
an  tala7nh  gu  brath."  Ciod  air  bith  atharrach- 
adh  a  thig  air  riaghladh  na  duthcha  agus 
air  cleachdaidhean  an  t-sluaigh  ;  air  airgiod 
agus  air  malairt,  air  sgoil  agus  air  eaglais, 
air  oibrichean-mora  agus  air  bailtean-mora  ; 
cia  dhiubh  a  bhios  righ  air  a'  Chrun  no 
Communist  air  an  stiiiir,  fanaidh  an  talamh 
agus  an  fheadhaima  a  tha  'g  a  threabhadh. 
Tha  an  talamh  naomh  agus  glan  agus 
fialaidh,  ar  mathair  chaomh  d'an  dlighe 
gaol  agus  urram  agus  curam. 

An  dubh  bhochdainn 

Cha  robh  Eli  Barton  (cha  b'e  sin  'ainm 
ach  ni  e  feum  cho  maith  ris  an  ainm  cheart) 
ach  sia  miosan  a  dh'aois  an  uair  a  shiubhail 
'athair.  Shiubhail  esan  as  a  sheasamh 
leis  an  tinneas-thuiteamach  'n  a  dheich 
bliadhna  fichead.  Bha  e  posda  coig  bliadhna  ; 
bha  a  bhean  euslan  is  triiiir  de  theaghlach 
aca,  agus  cha  robh  riamh  tuarasdal  seachduin 
aige  a  b'airde  na  deich  tasdain  ;  seachd 
tasdain  an  uair  a  phos  e.  Cha  robh  daimhich 
aig  a'  bhantraich  a  bha  na  b'  fhearr-  air 
an  doigh  na  i  fhein,  agus  mar  sm  cha  robh 


FO  CHRAOBH  SHEXJDAIR 


foidhpe  ach  Tigh  nam  Bochd  ged  bha  a 
cridhe  air  oillteachadh  roimhe.  Ach  a 
thaobh  's  gu'n  robli  i  a'  fuireach  ami  am 
bothan  truagh  de  thigh-diibh  a  thog  seanair 
an  duine  aice  leig  am  Bord  leatha  mar 
fh^bhar  fantuinn  ann,  agus  thug  iad  crim 
's  an  t-seachduin  dhi  agus  d^  bhuilionn  a 
dh'aran  cruithneachd.  Is  riom.hach  an 
luchairt  tigh-dubh,  ma's  leat  fhein  e,  agus 
eagal  ort  rohnh  Thigh  nam  Bochd.  Bha  am 
bothan  beag  ud  do'n  bhantraich  bhochd 
"  sgiamhach  'n  a  shuidheachadh ,  aoibhneas 
na  talmhainn  uile." 

Buidheachas  do  Ni-maith  gvi  bheil  ctiisean 
na's  fhearr  ann  an  Eilean  ar  Gaoil  an  diugh, 
agus  gu  i>heil  na  droch  laithean  ud  a'  dol 
as  an  t-sealladh  le  aonta  na  coguis  chriosdail 
a  tha  anns  a'  mhor-chuid  de'n  t-sluaigh. 

Air  crun  's  an  t-seachduin  agus  da  bhuillionn 
a  dh'  aran  cruithneachd  thog  Mrs  Barton 
triuir  chloinne,  is  chtim  i  iad  anns  an  sgoil 
agiis  anns  an  sgoil  Shabaid  gus  an  robh 
iad  deas  a  dhol  gu  obair.  Dh'  fhag  Eli  an 
sgoil  'n  a  dhusan  bliadhna,  a  chuideachadh 
ciobair  agus  a  bhi  'n  a  ghUle-beag  aig 
tuathanach  anns  a'  choimhearsnachd,  ach 
m'an  robh  e  ceithir  bliadhna  deug  bha  e  a' 
treabhadh  le  paidhir  each,  agus  cho  mor 
as  fhein  agus  cho  toilichte  le  a  staid  's 
ged  bu  leis  banca  Shasuinn. 

Sgoil  agus  Obair 

Tha  moran  dhaoine  a'  saoilsinn  gu  bheil 
an  coir-bhreith.  air  a  thoirt  o  chloinn  ma 
tha  iad  air  an  cumail  as  an  sgoil  da  no  tri 
sheachduinean  a  thogail  bunt^ta,  no  ma 
tha  suidheachadh  an  teaghlaich  a'  toirt 
orra  an  sgoil  fhagail  m'an  ruig  iad  an  aois 
abhaisteach,  ach  air  cho  glic  agus  air  cho 
cothromach  's  'ga.  bheil  na  riaghailtean  a 
tha  ail'  an  deanamh  le  Maithean  nan  sgoilean 
tha  fhios  againn  nach  misd  riaghailt  air 
bith  breacadh  brisidh  a  bhi  air  a  dheanamh 
oirre  air  uairean,  agus  nach  "bu  chall  mor 
e  do  chloinn  an  leabhraichean  a  dhunadh 
fad  ceithir-la-deug  agus  an  druim  a  lubadli 
a  thogail  buntata.  Dh'  ionnsaicheadh  iad 
air  an  achadh  leasain  nach  'eil  air  an  teagasg 
dhaibb  anns  an  sgoil. 

Ged  a  dh'  fhag  Eli  Barton  an  sgoil  cho 
trath  cha  do  sguir  e  a  dh'  ionnsachadh. 
Bha  e  gaolach  air  leughadh ;  bhiodh  am 
maighstir- sgoil  agus  ministear  de'n  eaglais 
Shasunnaich  ('s  ann  a  dh'  eaglais  Wesley 
a  bha  e  fhein)  a'  toirt  iasad  leabhraichean 
dha,  agus  m'an  robh  e  ochd  bliadhna  deug 
leugh  e  a'  chuid  mhor  de  leabhraichean 
Dickens,  Lytton,  Walter  Scott,  Turns  a' 
ChriDsduidh  agus  an  Cogadh  Naomh,  agus 
eachdraidh    Shasuinn    ann    an    da    leabhar 


dheug.  Theagaisg  e  dha  fhein  Shorthand, 
agus  sgTiobhadh-citiil  a  leughadh,  agus 
innealan-citiil  a  chluich. 

Sgoil  a'  mhonaidh 

A  mach  air  a'  mhonadh  leis  fhein  a' 
ciobaireachd  bha  tiine  aige  air  beachd  a 
ghabhail  air  na  nithean  a  bhiodh  e  a'  faicinn 
agus  a'  cluinntinn,  air  meanbh-bheatha  na 
talmhainn  agus  nan  speur,  gus  nach  robh 
eun  anns  an  adhar  nach  aithneadh  e  air 
an  coltas  agus  air  an  ceol  agus  air  an  uibhean  ; 
c'  aite  am  biodh  iad  a'  neadachadh  agus 
e'uin  a  bhiodh  iad  a'  tighinn  agus  a'  falbh  ; 
no  creutair  beag  no  mor,  ialtragan  is  losgan- 
nan,  coineanan  is  sionnaich,  maighich  is 
beistean-dubha,  nach  b'  aithne  dha  an 
doighean  agus  an  lorgan,  agus  ciamar  is 
c'  aite  an  glacadh  e  iad  le  ribe.  0  bha  e 
ochd  bliadhna  a  dh'aois  b'  annamh  seachduin 
anns  nach  robh  aileadh  maith  a'  tighinn 
a  mach  air  an  t-similear  aig  tigh  na  bantraich  ; 
coinean  no  cearc-thomain  no  coileach-fheasain 
anns  a'  phoit  gun  fhios  do'n  gheamair  no 
do'n  uachdaran. 

Tha  cuid  de  dhaoine  aig  nach  'eil  feum 
air  teagasg  ;  tha  lanih  mhaith  agus  lamh 
ghrinn  agus  eanchainn  maith  aca  gu  nadurra. 
Is  ann  de'n  t-seorsa  sin  a  bha  Eli  Barton  ; 
cha  robh  obair  anns  an  cuireadh  e  l^mh 
nach  deanadh  e  le  snas  is  grinneas,  agus  cha 
robh  leisg  no  eagal  air  ceann  a  chur  ann  an 
gnothuch  agus  malairt  is  marsantachd  a 
dheanamh  air  urras  fhein.  Phos  e  bean  a 
bha  cho  deanadach  ris  fhein  ;  ghabh  iad 
air  mhal  crioman  gruinnd  (leth  acair)  as  an 
robh  iad  a'  toirt  currain  is  uinneanan  is 
cal  a  bhiodh  iad  a  reic,  agus  agus  air  am 
biodh  iad  a  beathachadh  chearc  is  uirceanan 
as  an  deanadh  iad  buannachd. 

O'n  bheag  gus  am  mor  bha  iad  a'  sior 
fhaotainn  air  an  aghaidh,  agus  bha  Eli  a' ' 
cumail  roimhe  daonnan  nach  ann  'n  a 
sheirbhiseach  a  bu  mhaith  leis  a  bhith  uile 
laithean  a  bheatha  ach  'n  a  mhaighstir. 
Air  uairean  bhiodh  mnathan-talaidh  eile 
'g  a  tharruing  ;  bhiodh  e  'ga  fhaicinn  fhein  'n 
a  chomanndair  anns  an  arm,  no  'n  a  sgiobair 
air  drochaid  bata,  no  a'  gabhail  aite  Keir 
Hardie  ann&  a'  Pharlamaid,  ach  cha  mhair- 
eadh  na  h-aislingean  sin  ach  greis,  is  thigeadh 
a  sheann  ghaol  air  ais,  gaol  an  fhearainn, 
is  cha  chunntadh  e  latha  air  bith  ro  fhada 
no  obair  air  bith  ro  throm  a  bheireadh  na 
bu  dltiithe  e  air  tuathanachas  a  bhi  aige 
'n  a  ainm.  fhein.  Bha  a  chridhe  anns  an 
talamh  o  thoisich  e  air  coiseachd.  An  uair 
a  bha  e  'n  a  bhalach  anns  an  sgoil  bha 
garadh  beag  aig  a'  mhathair  anns  am  biodh 
i  a'  cur  cail  agus  buntata,  ach  is  e  cruith- 


FO  CHRAOBH  SHEUBAIR 


neachd  a  bhiodh  esan  a'  cur  aims  an  oisean 
a  thug  i  dha  fhein.  Chruinnicheadh  e  air 
an  achadh-bhuana  siol  a  chuireadh  e. 

Eli  agus  na  h-uachdarain 

Bha  rud  no  dha  nach  robh  'n  a  fhabhar 
an  sililean  uachdaran  :  bha  e  de'n  eaglais 
Mhethodist,  is  bhiodh  e  a'  dol  mu  'n  cuairt 
na  dtithcha  air  bicycle  a  shearmonachadh . 
Na  bu  mhiosa  na  sin  's  e  Liberal  a  bha  ann, 
is  bhiodh  e  a'  dol  mu'n  cuairt  na  duthcha 
a'  gleidheadh  choinneamhan  aig  am  biodh 
e  a'  toirt  bhuillean  troma  do  na  Tories 
agus  do'n  fheadhainn  a  bha  a'  deanamh 
no  a' '  reic  uisge-bheatha.  Bha  e  maith 
air  bruidhinn  agus  air  teas  a  chur  ann  an 
daoine  eile,  a'  tilgeadh  orra  nach  b'  fhearr 
iad  na  traillean  mur  h-eireadh  iad  an  aghaidh 
nan  Tories  a  bha  'g  an  cumail  sios. 

Mar  sin  cha  robh  e  furasd  dha  crioman 
fearainn  fhaotainn  oir  bha  amharus  aig 
na  h-uachdarain  nach  robh  ann  ach  Bol- 
shevik agus  reubalach  agus  poacher  a 
bhiodh  e  cunnartach  dhaibh  fatradh  a 
thoirt  dha  air  an  oighreachd.  Ach  chuir 
cuibheal  an  fhortain  car  dhith  a  thug  dha 
na  bha  dhith  air.  An  uair  a  shiubhail 
fear  de  na  h-uachdarain  bha  na  cisean-bais 
cho  trom  's  gu'm  b'  fheudar  d'a  mhac  caob 
mhor  de'n  oighreachd  a  reic  a  phaigheadh 
nan  oisean.  Cho  luath  's  a  chuala  Eli 
Barton  gu  robh  am  fearann  ri  reic  chaidh 
e  air  chabhaig  gu  Bord  an  Fhearainn  agus 
plan  aige  'n  a  phoca.  B'e  so  am  plan,  gu'n 
ceannaicheadh    am    Bord    sia     ciad    acair 


agus  gu'n  suidhicheadh  iad  ciad  aoair  am 
fear  air  fhein  agus  air  coignear  eile  a  phaigh- 
eadh mal  agus  riadh  cothromach  dhaibh. 
Sin  mar  bha ;  cheannaich  am  Bord  am 
fearann,  agus  fhuair  Eli  Barton  a  chas 
air  ceud  tharsanan  an  fharaidh. 

Ach  cha  do  sguir  e  aig  a  sin  ;  lean  e  air, 
a'  sgaoileadh  o  sgiathan  agus  a'  leigeil  a 
mach  a  chriochan  gus  mu  dheireadh  an 
robh  e  ag  oibreachadh  suas  ri  s6  ceud  acair, 
agus  an  robh  dha  no  tri  de  na  bailtean 
fearainn  'n  a  lamhan,  air  am  biodh  e  fhein 
agus  a  mhathair  a'  dioghlum  nan  dias  'n  a 
bhalach,  agus  gun  dad  eile  aca  a  dh'  itheadh 
iad.  Cha  robh  e  an  eisiomail  duine  fo'n 
ghrein  ;  na  fhuair  e  fhuair  le  'obair  agus  le 
dhichioll  agus  le  stuamachd  fhein,  agus  le 
comhnadh  a  mhnatha  a  bha  cho  deanadach 
ris  fhein. 


"  An  sin  sheall  mi  air  m'oibre  uile  a 
rinn  mo  lamhan,  agus  air  an  t-saothair 
anns  an  do  shaothraich  mi  'g  a  deanamh  ; 
bu  diomhanas  an  t-iomlan,  agus  cha  robh 
tairbhe  ann  fo'n  ghrein."  Thug  e  sgoil 
d'a  theaghlach  na  b'  fhearr  na  fhuair  e 
fhein,  ach  cha  robh  gaol  an  fhearainn  ann 
an  gin  d'a  mhic.  Tha  na  Liberals  air  dol 
as  an  t-sealladh  agus  gineal  iir  ag  eirigh 
suas  a  bhios  ag  radh  mu  Eli  Barton  a  nis 
a'  cheart  rud  a  bhiodh  e  fhein  ag  radh  mu 
na  h-uachdarain  agus  na  Tories,  Car  son 
a  tha  fonn  is  fearann  is  airgiod  aige-san  agus 
sinne  gun  fhonn  gun  fhearann  gun  airgiod  ? 


Aig  an  Uinncig 


Beagan 

Ciod  an  ^ireamh  dhaoine  ris  an  abair  thu 
beagan,  no  c'uin  a  tha  beagan  a'  fas  'n  a 
mhoran  ? 

i^  Latha  fuar  fliuch  anns  a'  gheamhradh 
thachair  da  mhinistear  air  a  cheile  agus  iad 
a'  dol  dhachaidh  an  deidh  na  seirbhis- 
mjiaidne.  .  Arsa  fear  dhiubh  ris  an  fhear 
eile,  "  Cha  bhiodh  moran  agad  anns  an  eaglais 
an  diugh  !  " 

"  Cha  robh,"  ars  esan. 

"  Cia  meud  a  bha  agad  ?  " 

"  0,  direach  beagan." 

"  An  do  chunnt  thu  iad  ?  " 

"  Chunnt ;  mur  cunntadh,  cha  bhiodh 
fhios    agam    nach    robh    ann    ach    beagan : 


na'n    robh    aon    duine    eile    innte    bhiodh 
barrachd  is  beagan  ann." 

"Aon  duine  eile!  Chan  'eil  mi  'g  ad 
thuigsinn  gu  ceart." 

"  Nach  'eU,  agus  thusa  cho  eolach  anns  a' 
BhiobuU!  A  bheil  cuimhne  agad  idir  gu 
bheil  an  t-abstol  Peadar  ag  radh  anns  an 
rann  anns  a  bheil  e  a'  bruidhinn  mu'n  aire 
a  rinn  Noah,  gu'n  robh  beagan  air  an  te^rn- 
adh  innte,  sin  r'a  radh,  ochd  anaman.  Ciod, 
mata,  a  tha  beagan  a'  ciallachadh  ach  ochd." 

Sin  an  seorsa  eolais  a  bha  aig  na  sgriobh- 
aichean  ludhach  air  na  Sgriobturan,  eolas 
gun  fheum ;  daoine  tioram  aig  an  robh 
eolas  mionaideach  air  an  litir,  air  mionnt 
agus  cumin  a'  Bhiobuill,  ach  a  bha  deanamh 
dearmaid  air  na  nithe  mora  agus  grasmhor 
a  tha  anns  an  leabhar. 


Aireamh  5 


1949 


Ceist  Eoin  Baiste 

Leis  an  Urramach  Calum  MacGilleathain,  M.A.,  Conan 
An  tusa  esan  a  bha  ri  teachd,  no  am  hi  siiil  againn  ri  neach  eile  ?  " — Lticas  vii,  19. 


DE  an  seorsa  eile  a  bhiodh  na  b'fhearr  na  am 
fear  a  bha  ann  ? 

Anns  an  linn  anns  an  tainig  an  Slanuighear 
chon  an  t-saoghail  bha  daoine  a  sealltainn 
a  mach  airson  a  theachd.  Tha  cuinihne 
againn  air  daoine  glice  na  h-Airde  an  Ear. 
"  Chunnaic  sinn  an  reult."  Ach  o  na 
laithean  ioghantach  ud  agus  e  'na  naoidhean 
anns  an  stapull  agus  anns  an  teampull  is  e 
Eain  Baiste  a'  cheud  fhear  a  thog  fianxiis  mhor 
fhoUuiseach  gun  robh  e  a  nis  air  tighinn. 
"  Feuch  Uan  De!  "  Nach  ann  aig  Eoin  a 
tha  an  t-sochair,  an  soisgeul  aige,  agus 
Criosd  aige  anns  a'  chuideachd,  agus  e 
comasach  air  a  radh,  Sud  agaitb  e  a  nis, 
Sin  agaibh  an  neach  e  fMin. 

Chaidh  Eoin  a  chur  am  prioson.  Cuis 
smaoinich,  gu  dearbh,  gun  ceadaicheadh 
Dia  nan  uile  ghras,  agus  Dia  an  fhreasdail 
mar  an  ceudna,  gun  stadadh  Eoin  am 
prioson.  Ach  sin,  gun  ta,  mar  a  bha.  Arsa 
Lachlainn  MacCoinnich  urramach  ri  duine  a 
chuir  an  umhail  dha  e  eagal  a  ghabhail  an 
uair  a  theip  eathar  anns  an  robh  e  uair  dol 
fodha  an  Loch  Carann,  "  Gheall  e  gun 
tugadh  e  do  na  Flaitheanas  mi  ach  cha  do 
gheall  e  nach  rachadh  mo  bhathadh."  Tha 
ceist  an  fhreasdail  'na  ceist  am  measg 
ceistean  cruaidhe  mora.  Tha  i  an  comhnaidh 
'na  ceist.  Agus^s  iomadh  uair  sin  a  bhios 
ni  'na  cheist  air  duine  far  nach  robh  an 
dearbh  ni  roimhe  cur  ceist  idir  air.  An  aon 
duine  ach  cha  b'  ionann  cor.  Cha  bhi  fhios 
agadsa  no  agamsa  de  a  ni  am  prioson  o 
nach  robh  sinn  riamh  ann.  Thug  cuid  mil  a 
prioson.  Cha  b'  e  a  chur  bho  an  dearbh - 
bheachd  a  rinn  am  prioson  air  Iain  Buinein, 
Agus,  gun  teagamh,  tha  amannan  ann  anns 
an  teid  an  duine  bochd  cho  domhain  sios 
agus  gun  ruig  e  carraig  fo  gach  lathach  agus 
an  sin  cuirear  saor  buileach  e !  Ach  c6  as 
urrainn  a  dhol  a  steach  air  cor  Eoin  an  lath  a 
a  chuir  e  a'  cheist  a  tha  seo  air  losa  ?  Chan 
urrainn  duine  tha  beo.  Cha  do  chuir  losa 
taise  no  lagchuis  as  a  leth  no  coire  idir  air. 

Ciod  do  bheachd  fhein 

Seo  beachdan  a  ghabh  daoine  eagnaidh 
air  a  ghniomh — (a)   Gun   do  rinn  e   seo   a 


chum  gum  faigbeadh  a  dheisciobuil  dearbh 
chinnt  air  c6  a  bha  an  losa.  Chan  'eil  seo 
cho  furasda  ghabhail  a  steach.  (6)  Gun 
robh  Eoin  e  fhein  air  tuiteam  an  diobhail 
misnich  agus  gun  robh  sud  'n  a  cheist  air 
fhein.  Ach  is  math  mar  a  tha,  airson  da  ni. 
Thug  losa  fianuis  dha  is  taisbeanadh  is 
freagairt  iomlan  is  misneach.  Agus  feuch 
seo.  An  uair  a  bhios  tusa  trom  ort  fhein 
airson  do  theagamhan  is  d'  eagal  cuimhnich 
gum  bheil  fear  cho  ceart  agus  cho  dileas 
agus  cho  mor  ri  Eoin  'na  do  chuideachd,  ged 
nach  firinnich  sin  thu.  (c)  Dh'fhag  mi  rud 
gun  innseadh !  Fhuair  luchd  mineachaidh 
eile  seo  ann.  Gun  robh  Eoin  mar  gum  b' 
eadh  a'  cur  mar  fhiachaibh  air  losa  e  a 
inbhe  agus  a  bhuaidh  a  leigeil  ris,  mar  gun 
canadh  e  am.  measg  nithean  eUe.  Nach 
mithich  duit  ni  mor  araid  a  dheanamh  ?  Agus 
a  thaobh  sin  deth  nach  trie  a  thachair  a 
leithid  sin  ?  Chan  'eil  losa  a'  faicinn  ceum 
de'n  bhuaireadh  anns  a'  chilis.  Chronaich 
losa  Peadar  gu  cruaidh,  ach  cha  do  chronaich 
e  Eoin  gu  cruaidh.  Thug  e  feairt  ghrinn, 
chiuin,  iomlan  air. 

Tha  am  facal  od  "  eile  "  airidh  air  amharc 
gu  geur  air  mar  fhacal.  Tha  da  fhacal  an 
cainnt  an  Tiomnaidh  Nuaidh,  a'  Ghreigis, 
"  alios  "  agus  "  heteros."  Tha  iad  le  cheile 
a'  ciallachadh  "  eile  "  ach  tha  an  dealachadh 
seo  eatorra.  Tha  '*  alios  "  a'  ciallachadh 
eadar-dhealachadh  an  aireamh,  agus  tha 
"  heteros  "  a'  ciallachadh  eadar-dhealachadh 
an  gne  no  an  seorsa.  Agus  is  e  "  heteros  " 
a  tha  againn  an  seo.  Agus  is  coir  dhuinn 
sin  a  thoirt  fainear.  Tha  Eoin  mar  gum 
biodh  e  radh  am  bi  duil  againn  ri  neach  de 
sheorsa  eile,  ri  neach  eucoltach  riiitsa,  agus 
chan  e  "ri  neach  eigin  eile  a  mh^in."  AgU3 
feuch  gum  bheil  sin  a'  cur  solus  ur  air  a' 
cheist.  Tha  seo  mar  gun  tigeadh  cainnt  a 
smaoin  a  bhiodh  air  siubhal  Eoin,  "  Chan 
'eil  seo  ag  amharc  ach  beag  airson  na 
Rioghachd."  Ma  ta  cha  b'  ann  aon  uair  a 
mhain  a  bha  feum  aig  daoine  air  an  earail — ■ 
"Co  a  rinn  tkire  air  latha  nan  nithean 
beaga  ?  "  Chan  'eil  seo  coltach  ris  an 
Bioghachd!  An  ann  mar  seo  a  dheanadh 
Dia  a  ghairdean  a  shineadh  a  mach  ?    Gabh- 


CEIST  EOIN 


amaide  leasan,  ma  ta.  Seo  ni  do  bheil  sinn 
uile  buailteach — An  gabh  e  bhith  ?  Ach 
cuimhnich  seo,  is  beag  a  bha  de  fhios  aig 
Eoin  air  na  nithean  mora  a  chunnaic  Peadar ! 
Cha  robh  Eoin  beo  latha  na  h-aiseirigh  is 
latha  na  Caingeis !  Ach  an  e  seo  an  seorsa 
.  1 
Tha  ni  eUe  a'  tighinn  dhachaidh  oirnn. 
Tha  an  duine  air  leth  buailteach  air  a 
bhith  an  diiil  gum  bheil  seorsa  de  choltas 
air  ctiisean,  agus  seorsa  de  bhuaidJi  is  f^s 
orra,  fhad  agus  a  bhios  e  fbein  an  s^s  annta 
agus  a'  stri  riubha.  "  Chan  'eil  fhios,"  arsa 
bodacb  anns  an  Scarpa,  "  de  a  ni  sibh  ma 
bh^saicheas  mise."  Nach  iomadh  seana- 
mhinisteir  a  rinn  call  is  mUleadh  air  fear 
math  6g  le  a  bhith  'g  a  chleachdadh  fhein 
mar  nach  biodh  beannachd  ri  shealbhachadh 
far  nach  biodh  e  fhein  an  tarraing !  Chan  e 
peacadh  mor  sgreamhail  tha  seo  ged  a  ni  e 
call.  Is  iomadh  deagh  bhodach  a  bha  de 
an  dearbh  bheachd,  gu  laidir,  ged  a  tha  fhios 
aig  an  t-saoghal  nach  ruigeadh  e-san  e 
fhein  a  leas  sin !  Ach  nach  mor  agus  nach 
mills  an  fhirinn  seo,  Cha  teirig  an  eaglais  an 
latha  a  sguireas  "  duine."  Co  a  rinn  an 
di-meas     .     .     .  ?  " 

Gne  na  Rioghachd 

Agus  seo  ni  eile  bha  ann.  Ciod  e  am 
beachd  a  bha  aig  Eoin  air  an  Rioghachd  ? 
Ma  bha  e  coltach  ri  a  ch^irdean  cha  b' 
ioghnadh  ged  a  bhiodh  iomagan  air!  Cha 
robh  m6ran  ri  fhaicinn  aige  gu  deanamh 
cinnteach  dha  gun  robh  an  seorsa  rioghachd 
a  bha  iadsan  a'  suileachadh  a  steach  an 
dorus.  Cha  b'  ann  de  an  t-saoghal  seo  a 
bha  an  Rioghachd!  Ach  bha  diiil  aig  cuid 
gur  h-ann.  Agus  de  an  dull  nach  robh  aca  ? 
Agus  de  clio  cearr  agus  a  bha  iad  gu  dearbh ! 
Chan  ann  an  aon  linn  a  chaidh  daoine  cearr 
mu  ghne  na  Rioghachd,  mu  rian  na  Riogh- 
achd, agus  mu  theachd  na  Rioghachd. 

Agus  tha  daoine  gu  leoir  againn  mar  sin 
fhathast.  lad  lan-chinnteach  gur  h-ann  mar 
sud  a  bhiodh  nithean  ceart,  an  ni  a  tha  reir 
cumaidh  an  inntinnean  beaga  mearachdach 
fhein.    Is  math,  gun  ta,  nach  ann  mar  sin  a 


thkl  Agus  is  ro-mhath  nach  ann  mar  sin  a 
bhk.  Chan  'eil  aon  chinnt  againn  gun  robh 
eolas  na  Rioghachd  aig  Eoin  gu  cotbromach 
ceart,  ach  tha  aobhar  againn  amharus  a 
bhith  againn.  Cuimhnicheamaid  air  a  shear- 
moin  agus  air  a  chomhairle  agus  "  An 
fhearg  a  bha  gu  teachd,"  agus  an  sguabadh 
agus  am  fasgnadh  agus  an  criathradh  garbh 
a  bha  direach  gu  bhith  air  am  muin !  Agus 
seo,  ma  ta,  losa  ;  agus  c^ite  bheil  fhearg  ? 
"  Cha  do  chuir  Dia  a  mhac  a  chum  an 
t-saoghail  a  chum  agus  gun  diteadh  e  an 
saoghal."  Is  ddcha  gum  bheil  sinn  uile 
buailteach  air  a  bhith  a'  suileachadh  ni 
mor  faicsinneach  mar  "  Rioghachd  Dbe." 
Cha  b'  ann  aon  uair  no  da  uair  a  rinn  daoine 
cath  airson  ni  mor  folluiseach  greadhnach 
ard-buadbach,  caistealan  is  cathraichean, 
agus  sin  aca  an  ainm  "  Rioghachd  Dhe. 
Ach,  Tha  Rioghachd  De  an  taobh  a  stigh 
dhibh."  Tha  Rioghachd  Dhe  spioradail! 
Tha  Rioghachd  Dhe  ag  obrachadh  anns  an 
duine.    Feuch  comharran  Chriosd  oirre. 

Gun  t^,  feumaidh  sinn  suU  a  chumail  air 
cor  Eoin.  Tha  sealladh  an  duine  air  an 
t-saoghal  agus  air  a'  chinne-daonn  soilleir 
no  doilleir,  aluinn  no  greannach,  a  reir  mar  a 
tha  a  chrannchur  ;  agus  far  bheil  e  air  a 
chaochladh  tha  comharra  agad  air  gr^s 
is  air  teagasg  an  Tighearna. 

Cha  do  chuir  losa  mi-chliu  air  Eoin. 
Nach  e  a  thog  e,  agus  a  dh'aidich  e,  agus  a 
mhol  e  ?  An  e  duine  gun  tairbhe  a  bha 
seo  ?  Duine  caochlaideach,  duine  air  an 
cuireadh  tu  bocan,  duine  gun  beachd  aige 
air  cuisean,  no  duine  lag  'n  a  bheachd  ? 
Duine  laidir,  cruaidii  6  oige  nuas !  Faidh  ? 
Cha  robh  na  b'  fhearr !  Bha  a  dhreuchd  aige 
agus  obair  cheart  fein  o  Dhia.  Na  cuiribh 
an  teagamh  as  lugha  ann.  Agus,  a  nis, 
"  tha  an  ti  as  lugha  an  Pi»gJtiactid  Dhe  nas 
motha  na  e !  "  Tha  ni  ann  as  motha  na  fais- 
neachd,  na  oLfig  an  fhaidh.  Is  motha  creid- 
eamh  na  f^isneachd!  Tha  an  raoin  seo  ro 
fharsuinn  airson  briathrain  tearca.  Chan 
'eil  Eoin  air  a  dhubhadh  a  mach  as  an  Riogh- 
achd. Is  fhearr  creideamh  na  dreuchd  an 
fhaidh ! !    "  Is  e  gradh  as  motha  diubh  seo." 


Mu  Lagh  na  Croite 


(BHA  so  air  a  labhairt  air  an  Radio  le 
Domhnull  MacCumhais,  fear-lagha  ann  an 
Dim-eideann,  aig  a  bheil  ^olas  maith  air 
lagh  na  croite.  Tha  an  t-eolas  so  cho 
feumail  do  chroitearan  's  gu  bheil  sinn  fada 
an  comain  Mghr.  Mhic  Cumhais,  agus  an 
comain  luchd-riaghlaidh  an   Radio,  air  son 


cead  a  thoirt  dJiuinn  a  chraobh-sgaoileadh 
ann  am  Miosachan  na  h -eaglais  cuideachd. 
An  uair  a  tha  rud  air  a  leughadh  gu  luath 
'n  ar  n-eisdeachd  chan  'eil  e  cho  furasda  a 
thogaU  gu  cothromach  's  a  tha  e  an  uair  a 
leughas  sinn  e  air  ar  n-athais  fhein.)  Am 
Fear-deasachaidh. 


MU  LAGH  NA  CROITE 


'N  uair  a  ehaochaileas  croitear,  c6,  a  reir 
an  lagha,  a  gheibh  coir  air  a'  chroit  ?  Tha 
e  iomchuidh  gu'm  bitheadh.  croitearan,  6g 
agus  sean,  a'  gabhail  suim  de'n  cheist  so  air 
sg^th  nan  cairdean  a  dh'  fhaodas  iad  fh^gail 
as  an  deidh,  agus  mar  sin,  bu  mhath  learn 
oidhirp  a  dheanamh  gu  bhith  'ga  mhineach- 
adh. 

Beachdaichidh  sinn  an  toiseach  air  a' 
chilis  mar  a  bhitheas  i  'n  uair  a  ehaochaileas 
croitear  gun  tiomnadh  fh^gail.  Tha  an  lagh 
a'  leageadh  sios  riaghailtean  air  son  na  cuise 
so,  agus  ma  tha  sinn  eolach  air  na  riaghailtean 
sin,  agus  air  na  daoine  a  bhuineas  do'n 
chroitear,  chan  'eil  e  doirbh  oigbre  a  ranns- 
achadh  a  mach. 

Fiachaidh  mi  ris  na  riaghailtean  sin  a 
dheanamh  soillear  le  bhi  a'  gabhail  mar 
eisimpleir  anns  a'  cheud  aite,  croitear  a 
bha  posda  agus  do'n  do  rugadh  teaghlach 
mhac  agus  nighean.  Dhiiibhsan,  is  e  am 
mac  as  sine  oighre  athar  ;  agus  mur'eil  am 
mac  as  sine  beo,  is  e  fear  d'a  theaghlach-san 
a  gheibh  a'  chroit.  As  eugmhais  a'  mhic  as 
sine  agus  a  theaghlach,  theid  a'  chroit  a  dh' 
ionnsaidh  an  ath  mhic  as  sine  agus  a  theagh- 
laich-san,  agus  mar  sin  air  adhart  troimh 
na  mic  air  fad.  Mur  do  dh'  fhag  an  croitear 
mic,  no  teaghlach  rahac  as  a  dheidh,  gabh- 
aidh  a'  chlann  nighean  seilbh  a^  a'  chroit 
air  a'  mhodh  cheudna,  a'  toiseachadh  leis 
an  nighinn  as  sine  anns  an  teaghlach. 

Chi  sibh  gu'm  bneil  e  furasda  gu  leor  an 
t-oighre  a  lorg  'n  uair  a  dh'  fhagas  croitear 
teaghlach — na  mic  a'  tighinn  air  thoiseach  air 
a'  chloinn  nighean  agus  an  duine  as  sine, 
le  theaghlach,  a'  tighinn  air  thoiseach  air  an 
duine  as  oige. 

Anns  an  dara  aite,  beachdaichidh  sinn 
air  croitear  a  chaochail  gun  a  bhi  a'  fagail 
duine  de  al  fhein  as  a  dheidh  ;  is  ann  am 
measg  a  bhraithrean  agus  a  pheathraichean 
a  lorgas  sinn  oighre — na  fir,  a  rithis,  le'n 
teaghlaichean,  a'  tighinn  air  thoiseach  air 
na  boireannaich  le'n  teaghlaich-san.  Ach 
tha  aon  eadar-dhealachadh  ann  an  so — 
thig  na  braithrean  is  oige  air  thoiseach  air 
na  braithrean  as  sine.  Is  e  an  ath  bh  rath  air 
as  oige  an  t-oighre  is  fhaisge,  agus  is  e  am 
brathair  as  sine  an  t-oighre  is  fhaid  as,  am 
measg  nam  braithrean,  agus  an  deidh  nam 
braithrean  thig  na  peathraichean. 

Cuireamaid  beachd,  anns  an  treas  aite, 
air  croitear  a  chaochail  gun  al  fh^gail  e 
fhein,  's  gun  bhraithrean  no  peathraichean 
no  an  clann.  An  uair  sin,  is  e  cuideigin  am 
measg  cuideachd  athar  a  shealbhaicheas  a' 
chroit.  Ma  tha  athair  beo,  is  esan  an 
t-oighre  is  fhaisge.  Mur'eil  lorgar  an  t- 
oighre  a  mach  am  measg  bhraithrean  agus 


pheathraichean  athar  agus  an  teaghlaich, 
le  bhi  a'  leantuinn  mac-samhuil  nan  riagh- 
ailtean a  dh'  ainmich  mi  co-cheangailte  ri 
braithrean  agus  peathraichean  a'  chroiteir 
fhein.  Mur'eil  duine  de  mhuinntir  athar 
beo,  feumaidh  sinn  a  dhol  air  ais  anns  an 
aon  doigh  gu  muinntir  a  sheanar,  agus  mar 
sin  air  adhart  troimh  na  ginealaich  air 
taobh  athar.  Bheir  sibh  fainear  nach'eil 
e  comasach  do  mhathair  a'  chroiteir  no  do 
dhuine  sam  bith  de  mhuinntir  a  mh^tbar  a' 
chroit  a  shealbhachadh  mar  oigJare. 

Faodaidh  e  bhith — agus  tha  e  tachairt 
bho  am  gu  am — nach'eil  lorg  air  oighre  idir. 
'N  uair  a  tha  sin  mar  sin,  tillidh  a'  chroit 
air  ais  a  dh'  ionnsaidh  an  uachdarain,  agus 
faodaidh  esan  a  leigeadh  a  mach  do  dhuine 
'sam  bith  a  thogras  e. 

Sin  agaibh,  mat^,  curmtas  air  na  riagh- 
ailtean a  tha  leagte  a  reir  an  lagha  ann  a 
bhi  fiosrachadh  c6  e  oighre  croiteir  nach  do 
dh'  fh^g  tiomnadn.  Cicd  e  a  nis  a  dh' 
fheumas  an  t-oighre  is  f baisge  air  a'  cnroiteir 
a  dheanamh  mu'm  faign  e  a'  chroit,  no  am 
feum  e  dad  idir  a  dheanamh  ?  Feumaidh, 
tha  aige  ri  dhol  a  dh'  ionnsaigh  an  uach- 
darain, no  sgriobhadh  thuige,  air  son  ainm  a 
chur  anns  a'  chroit.  Ma's  aitbne  do'n 
uacbdaran  an  teaghlach  agus  ma  tha  e 
soilleir  gu  leor  c6  e  an  t-oighre  is  fhaisge, 
faodaidh  e  gun  bharrachd  d^il  ainm  a  chur 
anns  a'  chroit.  Ach  ma  tha  teagamh  sam 
bith  anns  a'  chilis,  no  ma  tha  barrachd  air 
aon  duine  ag  iarraidh  coir  air  a'  chroit, 
feu  mar  an  gnothuch  a  chur  mu  choinneamh 
Cuirt  an  Fhearainn,  agus  ni  iadsan  ceartas 
eadar  duine  agus  duine. 

Ciod  e  mur'eil  an  t-oighre  as  fhaisge  air 
a'  chroiteir  air  son  a'  chroit  a  ghabhail  ? 
Ma  tha  sin  mar  sin  chan'eil  e  mar  fhiachaibh 
air  ni  sam  bith  a  dheanamh,  agus  theid  a' 
chroit  a  dh'  ionnsaidh  an  ath  oighre. 

Ciod  e  mur'eil  lorg  no  sgeul  r'a  fhaotainn 
air  an  oighre  as  fhaisge  a  dh'  aindeoin  na 
ghabhas  deanamh  ?  An  uair  sin  faodar  a' 
chroit  a  thabhairt  do'n  ath  oigl^re,  ach 
ma's  e  agus  gu'n  till  an  t-oighre  a  bha  air 
chall  dhachaidh,  faodaidh  gu'n  urrainn  dha 
a'  chroit  a  bhuannachd  air  ais  thuige  fhein, 
ma  tha  reusan  math  aige  airson  a  bhi  cho 
fadalach.  Ach  chan'eil  m6ran  feuma  dha 
a  bhi  tighinn  air  adhart  aon  uair  's  gu'n  ruith 
da  bhliadhna  an  deidh  hks  a'  chroiteir. 

Tionndamaid  a  nis  gu  bhi  a'  beachdachadh 
air  an  ath  phairt  de'n  chuspair — 'se  sin 
co-cheangailte  ri  tiomnaidhean.  Agus  nach 
'eil  e  soilleir  nach  bu  choir  do  dhuine  sam 
bith  air  am  bheU  suim  de  dhleasdanas 
gnothuch  fh^gail  an  crochadh  ri  na  riagh- 
ailtean a  dh'  ainmich  mi,  gun  fhios  gu  latha 


MU  LAGH  NA  CROITE 


a'  bhais  c6  am  measg  a  chairdean  a  dh' 
fhaodas  sealbh  a  chuir  air  a'  chroit.  Chan 
ann  ainneamh  a  thachras  e  gu'n  sgap  teagh- 
lach  thall  's  a  bhos  air  feadh  an  t-saoghail, 
ach  gu'm  fuirich  aon  diiibh  aig  an  tigh  a' 
coimhead  as  deidii  na  dachaidh  agus  nan 
seann  daoine.  'N  uair  a  thig  iadsan  gu  peann 
an  latha  faodaidh  gur  e  duine  de'n  teaghlach 
a  tha  air  falbh  a  shealbhaicheas  a'  chroit, 
agus  gu'm  bheil  an  duine  a  rinn  a  dhleasdanas, 
agus  is  docha  barrachd  air  a  dhleasdanas, 
air  fhaga.il  aig  a'  cheann  mu  dheireadh  gun 
dachaidh,  gun  chuid.  No  a  rithis,  faodaidh 
an  croitear  banntrach  fhagail  agus  chan 
urrainn  dhith-se  a'  chroit  fhaighinn  mar 
oighre.  Tha  achd  ann  a  nis,  a  tha  a'  cur 
so  an  ceill  ma  chaochaileas  duine  gun 
tiomnadh,  gun  teaghlach,  thig  a'  bhanntrach 
a  steach  air  uile  inbhe  mur'eil  sin  na's  motha 
na  coig  cheud  punnd  Sasunnach,  agus  tha 
sin  a'  gabhail  a  stigh  na  croite.  Ach  ma  tha 
inbhe  a  fir  a'  dol  thaips  au'  a  sin,  chan'eil 
cinnt  sam  bith  gu'n  cuir  i  sealbh  air  a' 
chroit,  ged  a  gheibh  i  luach  coig  ceud  not  air  a' 
cheann  thall  ann  an  airgiod  no  ann  an  cuid. 
Tha  sin  air  fad  a'  teagasg  gur  e  dleasdanas 
gach  duine  a  thiomnadh  a  dheanamh  gun 
d^il. 

Agus  CO  aige  a  dh'  fhaodas  croitear  a' 
chroit  fhagail  mar  dhileab  ?  Faodaidh  e  a 
f^ail  aig  duine  sam  bith  do'n  urrainn  a' 
chroit  a  shealbhachadh  mar  oighre,  mar  a 
dh'  ainmich  mi  iad  a  cheana  ;  agus  faodaidh 
e  cuideachd  a  fagail  aig  a'  mhnaoi, 
no  aig  a  chliamhuinn.  Feumar  an  dithis  sin 
ainmeachadh  fa  letb  do  bhrigh  nach  urrainn 
dhoibh  a'  .chroit  a  shealbhachadh  mar 
oighre. 

Bheir  sibh  fainear,  a  rithis,  nach'eil  e  an 
comas  a'  chroiteir  a'  chroit  fhagail  aig  a 
mhathair,  no  duine  de  mhuinntir  a  mhathar. 
Tuigidh  sibh  cuideachd  gu'm  faod  an 
croitear  a'  chroit  a  chur  seachad  air  an 
oighre  is  fhaisge  air,  agus  a  tabhairt  mar 
dhileib  do  chuideigin  tile  a  tha  fad  as  ann 
an  cairdeas.    Faodaidh  e,  mar  eisimplear,  a' 


chroit  a  chur  seachad  air  a  mhac  as  sine 
agus  a  tabhairt  do  mhac  na's  oige,  no  do 
chliamhuinn,  no  do  bhratahir  athar.  Chan 
'eil  e  furasda  do'n  oighre  is  fhaisge  a  thuigsinn 
gu  bheil  so  laghail  no  ceart.  Ach  bheireadh 
e  fainear  gu'm  faod  an  croitear  uair  sam 
bith  a'  chroit  a  leagail  dheth  agus  luach  a 
chodach  innte  fhaighinn  o'n  uachdaran, 
agus  gu'm  faod  e  an  t-airgiod  a  gheibh  e 
mar  sin  a  thoirt  seachad  do  dhuine  sam  bith 
a  thogras  e.  'N  uair  a  chuireas  duine  beachd 
air  a'  chilis  anns  an  doigh  sin  tha  e  soilleir 
gu'm  bheil  e  ceart  a  bhi  leagail  leis  a' 
chroitear  a'  chroit  's  a  chuid  a  chur  seachad 
air  an  oighre  as  fhaisge  air  ma's  e  sin  a  thoil. 

Tha  aon  rud  eile  co-cheangailte  ri  a  bhi 
fagail  croit  mar  dhileab  nach  fhaodar  a 
leigeil  air  dhi-chuimhne  agus  is  e  sin  nach'eil 
e  laghail  do  chroitear  a'  chroit  fhagail  ach  a 
mhain  aig  aon  neach.  Chan'eil  e  ceadaichte 
mar  sin  croit  fhagail  eadar  dithis  mhac,  no 
aig  banntraich  fhad's  is  beo  i  agus  an  deidh 
a  bais  aig  fear  de  na  mic.  Is  iomadh  tiomn- 
adh a  tha  an  lagh  a'  diiiltadh  air  an  aobhar 
sin,  le  bhuil  nach  sealbhaich  fear  seach  fear 
dhiubhsan  a  chaidh  ainmeachadh  anns  an 
tiomnadh  a'  chroit,  agus  air  a'  cheann  mu 
dneireadh,  theid  a'  chroit  a  dh'  ionnsaigh  an 
oighre  as  fhaisge  mar  nach  biodh  tiomnadh 
idir  air  a  bhi  ann. 

Tha  mi  an  dochas  gu'm  bheil  na  thubbairt 
mi  soilleir,  ach  ged  tha  e  glic  do  chroitear 
tiomnadh  a  dheanamh  gun  dail,  chan'eil 
e  glic  dha  a  dheasachadh  leis  fhein,  gun  chuid- 
eachadh  btio  dhuine  a  tha  eolach  air  an  lagh. 
Tha  e  furasda  dol  iomrall,  agus  bu  choir  do 
dhuine  a  bhi  gle  chinnteach  gu'n  teid  a 
storas  an  deidh  a  bhais,  dh'  ionnsaigh  nan 
daoine  sin  ris  am  bu  mhath  leis  math  a 
dheanamh.  Faodaidh  nach'eil  e  furasda  a 
bhith  a'  tadhail  air  fear-lagha  air  Son 
tiomnaidh  a  dheasachadh,  ach  tha  e  furasda 
gu  leor  litir  a  sgriobhadh  gu  fear-lagha,  agus 
ni  sin  an  gnothuch  a  cheart  cho  maith. 
Cha  bhi  a'  chosdus  mor,  agus  is  e  so  rud  as 
fhiach  beagan  airgid  a  chosd  air. 


Crbnan  na  Lacha  Cholasaich 


A  MACH  o  Leodhus  tha  mi  an  dull  nach 
'eil  ^ite  eile  an  Albainn  as  a  bheil  uiread 
dhaoine  a'  dol  gu  muir  's  a  tha  dol  a  Sealtainn, 
is  tha  iad  air  an  cunntas  le  cheile  'n  an 
seoladairean  cho  maith  's  gu'n  cunntadh 
sgiobair  no  meat  iad  fhein  fortanach  leth- 
dusan  dhiubh  a  bhi  aca  am  measg  an 
sgiobaidh.  Tha  a'  mhuir  cho  n^durra 
dhaibh  's  a  tha  i  do  na  roin,  agus  chan  'eil 
eeorsa   iasgaich   no   marachd   nach    'eil   iad 


suas  ris  ;  linn  bheaga  i=!  linn  mhora,  giomaich 
is  roin  is  muca-mara,  soithichean-seolaidh  is 
yachtaichean,  is  bataichean-smuide — chan 
'eil  seorsa  b^ta  a'  seoladh  air  muir,  no 
muir  anns  an  t-saoghal,  air  nach  fhaighear 
Sealtainnich  is  Leodhusaich. 

Tha  na  h-eileanan  Sealtainneach  mar 
gu'm  biodh  buaile  no  ealtainn  de  dh'eoin- 
mhara  a'  sn^mh  air  a'  chuan,  ceud  no  an 
corr  dhiubh  ann  uile  gu  leir,  agus  daoine  a' 


CRONAN   NA   LACHA    CHOLASAICH 


fuireach  ann  an  ceithir  no  coig  ar  fhichead 
dhiubh.  Tha  iad  cho  fada  mu  thuath,  an 
ear-thuath  air  Albainn,  's  gu  bheil  Lerwick 
cho  fada  tuath  ri  Greenland,  agus  cho 
dliith  do  Bhergen  ann  an  Lochlann  's  a 
tha  e  dh'  Obar-eadhain. 

Tha  droch  fhairge  mu'n  cuairt  orra  air 
gach  taobh,  oir  chan  'eil  fasgadh  ann,  agus 
am  measg  'n  an  eileanan  fhein  tha  sruth 
cho  bras  agus  cho  laidir  anns  na  seolaidean 
agus  na  caolais  a  tha  eatorra  's  gu  bheil 
aiseag  o  eilean  gu  eilean  daonnan  cunnartach, 
agus  anns  a'  gheamhradh  cha  ghabh  e 
deanamh  fad  mios  no  coig  seachduinean 
air  uairean.  Chan  'eil  a'  bheag  de  dhealach- 
adh,  cho  fad  's  a  chi  an  t-siiil,  eadar  muinntir 
Shealtainn  agus  muinntir  na  Gaidhealtachd, 
gu  sonraichte  muinntir  nan  Eileanan  an 
lar,  a  thaobh  an  cor  saoghalta  agus  am 
beo-shlaint,  ach  gu  bheil  Sealtainn  na's 
lethoiriche  agus  an  t-sid  na's  miosa,  ma 
ghabhas  sin  a  bhith.  Chan  'eil  na  h-Eileanan, 
Siar  no  Tuath,  na's  fuaire  na  aitean  eile  ; 
ma  ghabhas  tu  laithean  na  bliadhna  thar  a 
cheile  is  ann  a  tha  iad  na's  blaithe.  Ach 
ciod  a  theirear  mu'n  ghaoith,  sgrios  agus 
uamhas  nan.  Eileanan  ? 

A'  Ghaoth 

Chan  'eil  daoine  air  uairean  lan-mhoth- 
achail  air  na  aobhair  a  tha  aca  air  a'  cheum 
ud  no  air  a'  cheum  ud  eile  a  ghabhail, 
no  sud  no  so  a  dheanamh,  ach  na'm  bu 
leir  dhuinn  an  cridheachan,  tha  mi  an  dull 
gu'm  faiceamaid  gu  bheil  moran  de  na 
daoine  a  tha  fas  cho  sgith  de  na  h-Eileanan, 
agus  cho  neo-thoilichte  annta  's  gur  fhearr 
leo  dol  mu  dheas  do  na  bailtean-mora, 
air  an  graineachadh  leis  an  t-sid  agus  air 
an  iomain  air  falbh  leis  a'  ghaoith.  Tha 
aireamh  nan  daoine  aig  a  bheil  gaol  air 
blaths  is  ciuine  is  fasgadh  is  seasgaireachd 
a'  dol  am  meud  anns  na  laithean  so,  air 
chor  agus  nach  ruig  e  leas  ionghnadh  a 
chur  oirnn  a  chluinntinn  gu'n  do  leig  gille 
6g  dheth  a'  chroit  a  bha  aig  athair  agus  a 
sheanair  agus  a  shin-seanair  ann  am  Fetlar 
an  Sealtiainn  a  thighinn  gu  Tranent  a 
dh'ionnsachadh  a  bhi  'n  a  ghualadair. 
Anns  an  toll-ghuail  cha  ruig  a'  ghaoth  air 
CO  dhiubh,  ach  tha  uilc  as  miosa  na  gaoth 
a'  feitheamh  air. 

Ged  nach  urrainnear  a  radh  le  firinn  gu 
bheil  an  t-sid  a  tha  aca  ann  an  Sealtainn, 
agus  a  tha  againn  anns  na  h-eileanan  Siar, 
cho  caomhail  's  a  bu  mhaith  leinn,  dh' 
fhaodadh  i  a  bhi  na  bu  mhiosa,  agus  air  mo 
shon  fhein  dheth  b'fhearr  learn  gaoth  na 
reodhadh. 


An  uair  a  bhios  muinntir  Shealtainn  agus 
nan  Eileanan  a'  gearan  air  an  t-sid  chan  e 
fuachd,  no  taisealachd,  no  fliuchead,  no 
dorchadas  na  side  a  tha  'n  an  inntinn  ach  a' 
ghaoth,  gaoth  a  dh'fhaodas  leantuinn  oirre 
fad  seachduin  air  an  aon  chalpa  gun  lasach- 
adh,  aig  leth-cheud  mile  's  an  uair,  agus 
gun  dol  as  aca  bhuaipe  a  chionn  nach  'eil 
fasgadh  anns  an  diithaich.  Am  bitheantas 
chan  'eil  a'  ghaoth  a'  deanamh  a'  bheag 
de  chall,  ach  chan  e  an  call  a  tha  i  a'  deanamh 
no  cho  neo-ghoireasach  's  a  tha  e  dhaibh 
nach  faigh  iad  litrichean  agus  nach  tadhail 
bataichean  maith  dh'  fhaoidte  fad  seachduin, 
— chan  e  sin  a  tha  'g  an  graineachadh  air  a' 
ghaoith  ach  an  anastachd  a  tha  e  a'  toirt 
d'am  bodhaig  a  bhi  a'  cothachadh  'n  a 
n-aghaidh  la  an  deidh  la,  gus  mu  dheireadh 
nach  urrainn  iad  leis  a'  chleachdadh  an 
druim  a  dhireadh,  agus  a  bheil  car  a'  tighinn 
annta  ris  an  ear-dheas. 

Ach  feumar  am  maith  agus  an  t-olc  a 
ghabhail  comhla  ;  ged  tha  iomadh  la  ann 
an  Sealtainn  agus  ann  an  Tiriodh  agus  aig  a' 
Bhuta  Leodhusach  (na  tri  aitean  anns  an 
laidire  a'  ghaoth)  anns  nach  mor  nach 
toir  i  an  ceann  as  an  amhaich  agad,  agus 
an  t-sron  bharr  d'aodainn,  tha  laithean  eile 
anns  a'  bhliadhna  anns  nach  'eil  dad  ri 
fhaicinn  no  ri  chluinntinn  air  fonn  is  cuan 
is  speur  ach  Gloir,  Gloir,  Gloir  ;  maise  is 
oirdheirceas  is  blaths  is  sithealachd  a  tha 
mar  anail  bheo  is  naomh  do  d'  chridhe. 

Fasgadh 

Cha  bhiodh  a'  ghaoth  'n  a  ctiis  eagail 
cho  mor  ann  an  Sealtainn  agus  anns  a' 
Ghaidhealtachd  na'n  robh  barrachd  fasgaidh 
againn.  Sin  an  rud  a  dh'fhaodadh  an 
Riaghaltas  a  dheanamh  le  laimh  fhialaidh 
agus  gun  soradh  no  caomhnadh  air  airgiod, 
craobhan  a  chur  'n  am  muilleanan  anns  a 
h-uile  aite  anns  a  bheil  luchd-sgil  am  beachd 
gu'm  fasadh  iad.  Cha  bhiodh  ann  an  cuid 
de  na  h-innleachdan  eile  a  tha  aig  daoine 
air  fearainn  is  monaidhean  is  cladaichean 
bochd  agus  lom  a  chur  air  an  casan  ach 
ruagadh  na  gaoithe  agus  ana-caitheamh 
air  airgiod  na  rioghachd,  ach  bhiodh  coill- 
earachd  'n  a  bhuannacnd  mhor  do'n  duthaich 
uile  an  iomadh  doigh,  agus  chan  e  call  a 
thigeadh  as  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
ach  toradh  maith  do  'n  rioghachd,  obair  is 
airgiod  is  tighean  ura  is  beagan  de  chroitean 
ura  an  sud  's  an  so,  agus  fiodh  na's  pailte. 
Agus  ged  nach  biodh  e  sabhailte  faistneachd 
a  dheanamh  c6  aige  a  tha  fhios  nach  atharr- 
aicheadh  na  coilltean  ann  an  tri  fichead 
bliadhna  an  t-sid  1 


6 


CRONAN    NA    LACHA    CHOLASAICH 


Tha  moran  a  dh'fhaodadh  croitearan 
arms  na  h-Eileanan  Tuathach  agus  anns 
na  h-  Eileanan  Siar  a  dheanamh  nach 
'eil  iad  a'  deanamh,  ach  tha  aon  ni  nach 
urrainn  dhaibh  a  dheanamh  agus  nach 
biodh  e  reusanta  iarraidh  orra,  an  tuath- 
anachd  riomhach  agus  a'  ghairnealaireachd 
riomhach  a  bhios  luchd-sgil  agus  luchd-sgoil 
a'  comhairleachadh  dhaibh  air  an  Radio, 
seilleanan  is  buntata  tratb  ;  cal  is  currain 
is  creamh  ;  peasair  is  ponair  is  meacain- 
dhearg,  leicis  is  uinneinean  ;  iibhlan  is  subh- 
craobh,  a  chuireadh  iad  air  falbh  air  soith- 
icheaij^-adhair  do  mhargadh  nam  bailtean- 
mora.  Na'n  cuireadh  Bord  na  Coilltearachd 
guiseidean  de  choille  an  ^itean  freagarrach 
am  measg  na  tuatha  agus  nan  croitearan  a 
dheanadh  garradh-dion  dhaibh  o'n  ghaoith, 
maith  dh'fhaoidte  gu'n  toisieheadh  cuid 
dhiubh  air  barrachd  uidh  is  tlachd  a  ghabhail 
anns  an  lios  na  tha  aca  ann  a  nis,  agus 
barrachd  bidh  a  thoirt  as  air  son  feum  an 
teaghlaich  fhein,  ach  ma  thu  a'  creidsinn, 
a  leughadair,  gu'n  rachadh  agad  air  g^irnea- 
lair-margaidh  a  dheanamh  de  chroitear, 
chreideadh  tu  rud  air  bith.  B'fhasa  dhuit 
an  t-Etiopach  a  dheanamh  geal. 

lasgach  an  sgadain 

Tha  iasgach  an  sgadain  'n  a  sheusdar 
an  Sealtainn  mar  bha  e  riamh,  gun  ath- 
arrachadh  air  bith  ach  an  t-atharrachadh 
a  rinn  meudachd  agus  cosdus  nam  bataichean, 
agus  na  riaghailtean  ura  a  tha  aca  mu  reic 
agus  mu  phris  an  sgadain.  An  uair  a  bha 
na  bataichean-sheol  aca  chan  e  mhain  gur  e 
sgiobair  agus  sgioba  Sealtainneach  a  bha 
oirre  ach  bu  leis  fhein  no  bu  leo  fhein  i, 
ach  an  diugh  buinidh  a'  chuid  mhor  de  na 
bataichean  do  dh'  iasgairean  mora,  do 
mharsantan-eisg,  agus  do  Chomuinn-eisg, 
anns  na  bailtean-puirt  an  Sasunn  agus  an 
Albainn,  agus  tha  a'  chuid  mhor  de  na  Sealt- 
ainnich  air  am  fasdadh  air  son  an  iasgaich 
mar  tha  gill6an  eile.  Tha  mi  an  diiil  gu 
bheil  so  fior  a  thaobh  Steornabhagh  agus 
Bagh-a'-Chaisteil  cuideachd  ;  nach  'eil  ach 
gle  bheag  de  na  bataichean-iasgaich  a 
bhuineas  do  naisinn  an  aite. 

An  am  an  iasgaich  tha  mu  ochd  mile  de 
bharr-suime  dhaoine  ann  an  Sealtainn, 
agus  obair  is  airgiod  is  marsantachd  gu 
leoir,  agus  an  uair  a  chuimhnicheas  tu  gu 
bheil  mu  fhichead  mile  de  naisinn  an  aite 
ann  ann  am  marbhan  na  bliadhna  cha  bu 
choir  dhuit  a  r^dh  gu  bheil  neul  a'  bhais  a' 
tighinn  air  Sealtainn  na's  mo  na  bu  choir 
dhuinn  a  r^dh  gu  bheil  sgaile  a'  bhais  a' 
tuiteam  air  a'  Gh^idhealtachd  no  air  na 
h-Eileanan.      Chan    'eil    sgail    a'    bhais    a' 


tuiteam  air  na  h-Eileanan,  ged  a  dh'fhaodas 
coslas  na  h-aoise  a  bhi  laighe  orra.  Ach 
faodaidh  daoine  a  bhi  na's  saoraile  agus 
na's  sona  agus  na's  doigheile  'n  an  aois 
na  bha  iad  riamh  'n  an  oige.  Tha  corr  is 
tri  mile  croit  ann  an  Sealtainn,  ach  co 
dhiubh  a  bhios  posadh  is  baisteadh  orra 
no  nach  bi,  cha  bhi  a'  chroit  falamh,  ged  a 
dh'fhaodas  i  bhi  dol  fas.  Thug  Achd  nan 
Croitearan  a  mach  iad  a  tigh  na  daorsa, 
ach  's  e  is  deireadh  dha  nach  do  dhealbhadh 
innleachd  riamh  as  cinntiche  a  tha  a'  cumail 
chroitearan  oga  o  phosadh  agus  o  chlann 
a  bhi  aca  na  Achd  nan  Croitearan. 

Obair  nam  ban 

Ma  bu  mhaith  leat  an  grinneas  a  tha  aig 
mnathan  Shealtainn  air  an  laimh  fhaicinn, 
chan  'eil  agad  ach  dol  a  dh'aite  sonraichte  an 
Dim-eideann  far  a  bheil  an  obair  a,ca  air  a 
sgaoileadh  mu  d'  choinneamh,  obair  cho 
finealta  le  deilg  agus  cho  boidheach  's 
nach  saoileadh  tu  gu'n  gabhadh  i  bhi  air  a 
deanamh  leis  an  aon  laimh  a  chuireas  a 
mach  inneir,  a  ghlanas  bathach,  a  shailleas 
sgadan,  a  bhuaineas  moine,  agus  a  ni  a 
h-uile  car  a  bhuineas  do  bhanachas-tighe, 
o'n  chupan-mhaidne  gu  sm^ladh  an  teine 
anns  an  oidhche.  Tha  iad  cho  maith  air 
figheadh  's  a  tha  mnathan  na  Hearadh  air 
clo  a  dheanamh,  agus  chan  e  aon  ealain  a 
tha  air  an  laimh  ach  leth-dusan. 


An  deidh  do  chach  dol  a  laighe  an  raoir 
thug  mi  an  aire  ann  am  paipear  a'  chraobh- 
sgaoilidh  gu  robh  cuideigin  ri  bhi  a'  bruidhinn 
mu  eoin-mhara  Shealtainn  air  an  Radio 
aig  leth  uair  an  deidh  deich.  Cha  robh 
iarraidh  agam  air  dad  eile  a  bha  air  an 
Radio  a  chluinntinn,  ach  aig  a'  mhionaid 
thionndaidh  mi  a'  chnag,  agus  an  sin  mar 
gu'm  biodh  slat-dhraoidheachd  air  a  bhualadh 
orm  shiolaidh  Loudie  agus  na  tha  air 
uachdar  as  mo  shealladh,  is  bha  mi  ann  an 
saoghal  eile,  saoghal  a  b'fhearr  agus  a  bu 
sholasaiche,  ag  eisdeachd  ri  cronan  borbh- 
anach  is  gugail  na  lacha  moire  (an  lacha 
Cholasach),  sgreachail  fhaoileannan  is  fhasga- 
dairean  is  coin  dhubh  an  sgadain.  Chan 
'eil  fhios  agam  ciamar  a  theid  aig  muinntir 
an  Radio  air  na  h-eoin-mhara  fhein  a  chur 
air  a'  chl^r  a  thoirt  solais  dhuinn,  ach  co 
dhiubh  rinn  iad  e,  is  bha  an  rud  cho  coltach, 
agus  cho  fior,  agus  cho  dltith  dhomh,  's 
gu'n  saoilinn  gu  robh  mi  'n  am  shuidhe 
air  creig  air  latha  grianach  ann  an  Tiriodh. 
Sin  direach  far  an  robh  mi  fad  na  h-oidhche 
an  deidh  dhomh  dol  a  laighe,  eadar  Soaidh 
agus  Sgibinnis,  a'  cluinntinn  'n  am  bhruadair 


CRONAN  NA  LACHA  CHOLASAICH 


borbhan  reidh  is  cronanaich  na  lacha- 
m6ire,  fuaim  nach  'eil  na's  tlusaile  no  na's 
caomhaile    do'n    chluais    air    thalamh,    iniir 


bheil  cronan  is  brongail  leinibh  ris  fhein, 
no  glugail  uillt  air  a'  mhonadh,  no  gur-oo 
gur-oo,  a'  chalumain. 


Oidhche  an  Teine 


Lsis  an  Urramach  Uilleam  E.  K.  MacFhraing,  B.D.,  Cill  Rimhinn. 


B'  e  sin  an  t-ainm  a  thug  na  gillean  dhi 
iomadh  la  'na  dheidh,  agus  so  an  sgenlachd 
a  dh'aithris  mo  charaid  uimpe. 

Bha  an  sneachd  trom  domhain  an  oidliche 
ud  mu  thimchioll  a'  bhothain  bhig  a  sheas 
aig  oisinn  na  cuirte  farsuinge  de'n  chaisteal 
Ghearmailteach  a  bha  'na  "  dhachaidh  " 
againn  's  an  am. 

Bha  sinn  seanar  phriosanach  n'ar  cadal 
neo-choireach  anns  an  t-seomar  aimhleathann, 
agus  bha  an  saoghal  againn  air  sheot,  mar 
their  iad,  oir  bha  fiiirneis  mhath  a'  losgadh 
gu  blath  aig  ceann  an  t-seomair.  Ged  a 
thigeadh 

"  Teine -adhair  is  toruinn  'na  dheidh, 
gailhonn  is  eireadh  nach  lag." 

am  muigh,  cha  robh  cuis-chiiraim  's  am  bith 
oirnne.  Ach  mar  thuirt  na  daoine  glic  's 
an  am  o  shean,  "  tha  smudan  fein  an  ceann 
gach  fold,  is  doruinn  ceangailt'  ri  gach 
math."  Bha  aonar  'n  ar  measg  'n  a  Chuim- 
reach,  agus  esan  am  fear  a  b'oige.  Gu'm 
bu  fada  uamsa  facal  air  bith  a  radh  an 
aghaidh  cinnidh  aosda  nam  Breathnach, 
ach  bha  an  sampull  ud  a'  cur  dragh  oirnn  an 
comhnuidh.  Theireadh  tu  nach  deach  e  fad' 
a  stigh  an  uair  a  roinn  iad  a'  chiall !  Gu  trie 
bhitheamaid  a'  call  ar  foighidinn  uile  gu 
leir  ri  a  chleasan,  agus  chunnaic  mi  uair- 
eigin  duine  eile,  cho  coir  sitheil  's  a  bu 
mhiann  leat,  'g  a  thachdadli,  agus  sinne  'g  a 
thaobh  neo-chinnteach  'n  ar  inntinn  am  bu 
choir  dhuinn  stad  a  chur  air,  no  cead  a 
thoirt  dha  an  gnothuch  a  chriochnachadh ! 

Ach  air  an  laimh  eile  cha.  b'urrainn  thu 
bhi  am  feirg  uine  fhada  ris.  Bha  iomadh 
ni  's  an  nadur  aige  a  bha  maith  agus  grinn. 
Mar  their  an  sean-fhacal,  riiisgeadh  e  a 
thigh  fhein  a  thughadh  tigh  a  choimhearsn- 
aich  agus  coltach  ri  fir  eile  d'a  mhuinntir 
sheinneadh  e  mar  uiseag  's  an  speur. 

B'  e  an  fhirinn  nach  robh  olc  ann  ach  mar 
olc  cuilean  mi-rianail  gun  smachd,  agus 
ghabh  dithis  no  tritiir  dhinji  boid  ar  dichioll 
a  dheanamh  air  a  shon,  agus  a  thoirt  dhach- 
aidh beo,  na'm  bu  toil  Ni-Maith  e. 

B'  e  sud,  ma  ta,  an  companach  a  ghabh 
tamh  seimh  comhla  ruinn,  cam-lubta  's  an 
/eabaidh  chruaidh  mar  bu  ghnath  leis  a 
bhith,  coltach  ri  graineig. 


Aig  marbh  na  h-oidhche  chuala  mi  fuaim 
beag  agus  dhuisg  mi,  agus  faicear  mo 
laochan  'n  a  shuidhe  suas  's  an  leabaidh ! 
Leis  an  t-solus  dhoilleir  a  thainig  troimh'n 
uinneig,  agus  gun  ctiirtear  oirre  chum  mi 
mo  shuilean  air,  agus  bheachdaich  mi  gu'n 
do  sheid,  a  reir  coltais,  osag  gaoithe  bhb'n 
uinneig  mu  thimchioll  a  chluas  agus  gun 
d'fhairich  e  car  fuar. 

Ajin  am  mionaid  no  dha  shnag  e  bho'n 
leabaidh  gus  an  teine,  agus  thoisich  e  air 
piosan  guail  a  chur  air,  cho  samhach  's  a 
chuireadh  cat  spog  air  a  shroin  ghoirt  fhein. 
Cha  robh  e  ceadaichte  dha  sin  a  dheanamh 
do  bhrigh  gu'n  d'  thubhairt  na  Gearmailtich 
nach  robh  feum  againn  air  teine  an  deidh 
dhuinn  dol  a  laighe. 

Ach  bha  iomadh  riaghailt  Ghearmailteach 
ann  a  bhris  sinn,  agus  ged  bu  choir  dhomh 
stad  a  chur  air  o'n  a  bha  mise  n'am  cheannard 
an  t-seomair  cha  do  rinn  mi  dad. 

Sheas  e  an  sin  'g  a  gharadh  fein  aig  an 
teine,  ach  an  uine  ghoirid  thoisich  eagal  air 
mo  bhualadh.  Loisg  an  teine  suas  agus 
lion  an  solus  an  seomar  uile,  agus  thoisich 
e  air  dealrachadh  a  mach  troimh  'n  uinneig  ; 
gnothuch  eagalach,  oir  cha  robh  ni  eile  ann 
cho  strengst  verboten,  mar  a  theireadh  na 
Gearmailtaich  'n  an  canain  neo-bhaigheil. 

Sheinn  Ian  Mac  Fhearchair  mu 

"  lonad  reulaidh  dh'fhear  'n  a  eiginn 
'N  am  bhith  steidheachadh  air  caladh  ; 
Ni  e  soillse  mar  an  daoimean 
Solus  coinnle  's  uinneag  ghlaine." 

Ach  CO  dhiubh  am  meas  a  chiiir  am  bard 
air  "  lainndeir-oidhche  do  luchd  mara  "  de'n 
t-seorsa  sin,  cha  do  chuir  na  Gearmailtaich 
luach  air  bith  air  lainndeirean  do  luchd 
adhair ! 

Sheas  ar  caraid  fa  chomhair  an  teine  a' 
dh'fheuchainn  ri  fholach,  ach  ma  sheas  cha 
b'ann  fada,  oir  thoisich  e  bhi  air  a  roisteadh 
mar  sgadan  air  branndair.  Ach  leig  leis  na 
Cuimrich ! 

An  ath-mhionaid  chunnaic  mi  e  dol  am 
mach  an  dorus,  agus  ann  an  tiota  no  dha 
thainig  e  air  ais  agus  cuinneag  Ian  uisge  'n 
a  l^imh.  An  sin  leum  mise  as  na  plancaidean, 
oir  na'n  cuireadh  e  uisge  air  an  fhiiirneis 
theth  ud  rachadh  spreadhadh  aiste  a  thil- 


QIDHCHE  AN  TEINE 


geadii  sinn  fhein  agus  gacli  ni  eile  a  mach  as 
an  t-seomar  air  uachdar  an  t-sneachda  am 
muigh. 

Cinnteach  gu  leoir  b'e  sin  a  bha  e  a'  cur 
roimhe,  agus  an  uair  a  luaisg  e  a'  chuinneag 
leig  mi  asani  aon  sgreach  a  chuir  stad  air  a 
laimh,  agus  dh'  fhan  e  'n  a  sheasamh  coltach 
ri  Discohulus  snaidhte  am  marmor. 

Dhuisg  an  sgairt  ud  na  fir  eile,  agus  an 
uair  a  chunnaic  iad  ciod  a  bha  'n  cois,  cha 
b'e  canain  shuairc  a  bha  anns  an  t-seomar, 
no  beannachdan  a  thuit  air  ceann  ban  a' 
Chuimrich  ! 

Ach  bha  na  bu  mhiosa  na  sin  ann,  oir 
tli^inig  "  clang  "  "  clang  "  air  na  staidhrich- 
ean  agus  bha'n  dorus  air  a  fhosgladh,  agus 
bhruchd  am  freiceadan  Gearmailteach  a 
stigh.  Obh!  Obh !  Mar  Choire  Bhreacain 
fhein  air  ghoil  bha  farum  is  gaoir  ann. 

Bhiodh  an  fhairge  ghlas  thonnach 
Ag  at  'n  a  garbh  mhothar  lonnach 
'S    na    h-ard-uisgeachan    bronnach    's    a 
ghairaich. 

Ach  chleachd  sinne  gu  math  ris  an  anradh, 
mar  a  bha  gillean  Chloinn  Raonuill  fhein, 
agus  mar  bu  ghnath  leinn  chum  sinn  samhach 
agus  leig  sinn  leis  a'  ghaillionn  dol  seachad. 
Le  dranndain.is  rocail,  is  iomadh  bagairt  mu 
na  peanasan  a  thuiteadh  oirnn  an  ath-la 
ghabh  na  creutairean  mi-mhodhail  an  rathad. 

"  Is  bl4th  anail  na  mathar,"  their  an 
Gaidheal,  ach  ge  blath  gu  dearbh  ar  n-anail 
cha  b'e  anail  mathar  a  sheid  sinn  air  iighdar 
na  trioblaide.  Cha  do  dhearmad  sinn  a 
shinnsirean  no  a  dhiithaich  a  mhallachadh, 


no  la  mi-shealbhach  a  bhreith,  no  mi-sheolt- 
achd  is  mi-riaghladaireachd  na  muinntir- 
altruim  aige  nach.fhaca  o  chionn  fhada  gu'm 
bu  choir  dhaibh  a  chur  an  tigh-smachdach- 
aidh,  no  an  droch  mhanadh  a  chuir  'n  ar 
measg  e,  no  nithean  eile  nach  aithris  mi. 
Ach  chriochnaich  ar  deas-chainnt  fa  dheoidli 
agus  thraoigh  an  dile,  agus  seachd  sgith  de 
Chuimrich  is  de  Ghearmailteach  agus  de'n 
saoghal  chruaidh  so  dh'iarr  sinn  cadal 
beannaichte  a  rithist. 

Ach  bha  deireadh  an  sgeoil  cho  math  's  am 
meadhon,  oir  an  ath-mhaduinn  thainig  an 
truaghan  bochd  chugam  gle  dhubhach  agus 
thuirt  e  : 

"  Cha  d'fhuair  mi  tiota  cadail  an  raoir  le 
bhi  a'  smuaineachadli  ciod  a  theirinn  ris  a' 
Cheannard  Ghearmailteach  an  uair  a  chi  e 
mi  ;  ach  tha  leisgeul  n^.ath  agam  mu  dheir- 
eadh." 

"  Ma  ta,"  arsa  mise,  "  ciod  air  an  t-saoghal 
a  tha  agad  ri  radh  ach  an  ni  a  tha  fhios 
againn  uile  air." 

"  Their  mise  ris,"  ars  esan,  "  gu'n  do 
choisich  mi  'n  am  chadal!  " 

Mar  a  thachair  bha  nithean  eile  fo  aire  an 
fhreiceadan  Ghearmailtaich  an  oidhche  ud. 
Bha  spors  air  chois  am  measg  ar  gillean  's  a' 
champa,  agus  bha  an  teine  air  a  dhichuimh- 
neachadh,  agus  mar  sin  cha  robh  feum  air 
an  leisgeul  neonach.  Ach  tha  mi  cinnteach 
gu'm  feuchadh  e  ri  faotainn  as  leis. 

Agus  ,a  leughadair,  na'm  bu  toil  leat  leasan 
a  tharruing  o'n  sgeul  so,  gheibh  thu  e  anns  an 
an  t-sean-fhacal,  "  Na  las  sop  nach  urrainn 
duit  fhein  a  chur  as  !  " 


An  Laoidh  477 


Bi  fhein  mo  sholus,  a  Thighearn  mo  chridh', 
Ro  shuarach  'n  am  shealladh  gach  cuspair  a 

chi, — 
Is  tusa  a  mhain  a  bhios  daonnan  am  smuain, 
A  dh'oidhche  no  latha,  am  dhuisg  no  am 

shuain. 

Bi  fhein  mo  Ghliocas,  am  Focal  tha  fior. 

As  d'  aonais  cha  shiiibhlainn  air  muir  no  air 

tir, 
0  Athair  gabh  comhnuidh  gu  br^th  f o  mo 
chleith. 
Is  aoin  mi  gu  daingean  riut  fein  ann  an 
sith. 


Ro  shuarach  leam  ionmhas  is  gloir  dhiomhain 

dhaoin, 
Is  tusa  mo  chuibhrionn  a  mhain  anns  an 

t-saogh'l, 
lonad  inbheach  mo  chridhe  is  leatsa  gu  br^th, 
Ard  Righ  nam  Flaitheas,  mo  lanachd  nach 
traigh. 

Ard  Righ  nam  Flaitheas,  air  tigh'nn  do  'n 

chogadh  gu  crich, 
Guji  ruigeam  an  dachaidh  far  am  faic  mi  an 

Righ, 
0  chuspair  mo  chridhe,  ge  b'e  dh'fhaodas 

bhi'n  dan, 
Bi  fhein  mo  Sholus  a  nis  is  gu  brath. 

Ruairidh  Ddmhnullach,  StedrnabJmgh. 


Aireamh  6 


1949 


Fianuisean  Chriosd 

Bidh  sibh  'n  'ur  fianuisean  dhdmhsa. —  Onlomharan  i.  8. 


CHAN  'eil  teagamh  air  bith,  uime  sin  oir 
chan  e  faidh  no  abstol  a  thubhairt  e  ach 
Criosd.  Is  esan  am  Maighstir  agus  sinne  na 
seirbhisich,  agus  tha  e  air  iarraidh  air  na 
seirbhisich  am  fianuis  a  thogail  air  taobh 
am  Maighstir.  Tha  iomadh  doigh  anns  am 
faod  sinn  sin  a  dheanamh,  ma  tha  inntinn 
thoileach  againn,  ach  tha  mi  an  duil  nach 
'eil  dleasdanas  eile  a  bhuineas  do'n  bheatha 
dhiadhaidh  air  a  bheil  luchd  -  aideachaidh 
a'  deanamh  dearmaid  cho  trie  's  a  tha  iad 
a'  deanamh  air  an  dleasdanas  so. 

Uair  a  bha  Iain  R.  Mott  a'  bruidhinn  ri 
seann  duine  diadhaidh  thuirt  an  seann  duine 
ris,  "An  robh  thu  fhein  agus  neach  eile 
riamh  ,  comhla,  agus  sibh  leibh  fein  greis 
mhaith,  gun  thu  a  bhruidhinn  ris  ro.u 
Chriosd  ?  "  Thuirt  Mghr  Mott  gu'n  deach- 
aidh  a'  cheist  ud  mar  shaighead  'na  anam, 
agus  fhios  aige  gu'n  d'fhuair  e  fichead  is 
fichead  uair  cothrom  air  bruidhinn  ri  daoine 
mu  Chriosd  agus  nach  do  rinn  e  e. 

Uaireigin  an  uiridh  dh'innis  mi  so  do 
ghille  6g  a  tha  cho  gaolach  air  siubhal 
mhonaidhean  agus  air  direadh  bheanntan 
's  gu'm  freagradh  an  t-ainm  Cas-shiuhhal- 
an-t-sUibhe  air,  gille  a  tha  'n  a  Cheann  air 
Cadets  agus  air  Boy  Scouts,  agus  a  bhios  'g 
an  teagasg  ann  an  Class  Biobuill.  Thog  an 
rud  seanchas  eadarainn,  ach  tha  eagal  orm 
gu'n  do  chriochnaich  sinn  mar  a  thoisich 
sinn  ;  aithreachas  oirnn  le  cheile,  mar  a  bha 
air  Mghr  Mott,  gu'n  do  leig  sinn  seachad 
iomadh  cothrom  a  dh'fhaodamaid  a  ghabhail 
air  ar  fianuis  a  thogail  air  taobh  Chriosd, 
ach  amharus  againn  nach  'eil  e  idir  furasda 
do  dhuine  a  bhi  cinnteach  c'uin,  no  c'aite, 
no  ciamar,  a  ni  e  sin. 

Ann  an  aon  doigh  tha  e  na's  fhasa  do 
mhinistear  coguis  ghlan  a  bhi  aige  anns 
a'  chilis  so  na  tha  e  do  dhaoine  eile,  oir 
tha  e  a'  toirt  fianuis  air  a  chreideamh  ann 
an  Criosd  gu  follaiseach  anns  a'  chubaid  a 
h-uile  seachduin  ;  agus  a  thuilleadh  air  sin 
tha  a'  mhor-chuid  de  dhaoine  cho  ciallach 
agus  cho  modhail  's  nach  abair  iad  dad  'n  a 
l^thair  cho  salach  no  cho  toibheumach  no 
cho  neo-Chriosdail  's  gu'm  biodh  e  air  a 
dhiteadh  mar  neach  a  bha  neo-dhileas  do 


Chriosd  mur  cuireadh  e  'n  a  aghaidh  no  mur 
cronaicheadh  e  e.  Ach  chan  'eil  an  saoghal 
cho  coibhneil  ri  daoine  eile  's  a  tha  e  ri 
pearsachan-eaglais,  agus  air  uairean  tha  e 
duilich  dhaibh  fhios  a  bhi  aca  cia  dhiubh  a 
b'fhearr  dhaibh  bruidhinn  no  bhi  'n  an  tosd. 
Thubhairt  Ceannard  nan  Cadets  agus  nam 
Boy  Scouts  rium  gu  robh  e  furasda  gu 
leoir  dha  bruidhinn  ris  na  balaich  mu 
Chriosd  agus  mu'n  bheatha  dhiadhaidh  anns 
a'  Chlass  Bhiobuill,  agus  furasda  dha  a' 
bheatha  dhuineil  agus  uasal  a  chumail  fa 
chomhair  an  sul  daonnan,  ach  nach  do 
bhruidhinn  e  riamh  mu  Chriosd  ri  duine  eile 
ach  ris  na  balaich  a  bha  anns  na  Comuinn 
aige.  An  uair  a  thuirt  mi  ris  gu  robh  mi 
an  diiil  gur  e  sin  an  seorsa  fianuis  a  bha 
Criosd  ag  iarraidh,  agus  a  bha  buannachdail 
d'a  aobhar  anns  an  t-saoghal,  bha  e  'n  a 
thosd  mionaid  no  dha,  agus  an  sin  dh'innis 
e  dhomh  mu  oidhche  fhiadhaich  a  chuir  e 
fhein  agus  gille  eile  seachad  fo'n  CMoich- 
fhasgaidh  air  an  Lairig  Dhru,  eadar  Agaidh- 
mhor  agus  Braigh-Mharr.  Rug  gaillionn 
orra  nach  d'fhiosraich  iad  riamh  a  leithid, 
gaoth  is  sneachd  is  dorchadas  a'  toirt  bhuapa 
an  analach  agus  am  faireachduin  agus  an  tuir, 
mar  gu'm  biodh  corruich  uamhasach  air  na 
beanntan  riu  agus  iad  air  son  cur  as  daibh. 
Ach  gu  fortanach  rainig  iad  a'  Chlach- 
fhasgaidh  m'an  d'thug  iad  thairis,  didean  a 
chuir  am  Freasdal  air  an  t-slighe  chunnart- 
aich  ud  gu  bhi  'n  a  tearmunn  do  luchd- 
turuis.  Ach  ged  a  bhruidhinn  iad  air  fichead 
rud  eile  fad  na  h-oidhche  a  bha  iad  foidhpe 
cha  d'thuirt  fear  seach  fear  dhiubh  dad  a 
leigeadh  fhaicinn  do'n  fhear  eile  gu'n  robh 
e  a'  creidsinn  ann  an  Dia  no  ann  an  saoghal 
eile.  Agus  sin  atin  an  suidheachadh  anns  an 
saoileadh  tu  gu'n  robh  ainglean  Dhe  agus 
guth  Dhe  a'  labhairt  riu  agus  ag  iarraidh 
orra  'ainm  a  mholadh.  An  deidh  laimhe 
.  fhuair  e  a  mach  gu'n  robh  a  chompanach  a' 
teagasg  anns  an  sgoil  Shabaid  ann  an  eaglais 
Bhaisteach  an  Glaschu,  ach  dhealaich  iad  a' 
mhaduinn  ud  gun  fhios  aig  aon  seach  aon 
dhiubh  CO  aca  is  e  Criosduidh  no  as- 
creidmheach  no  Mohammedanach  a  chuir 
seachad  an  oidhche  comhla  ris. 


FIANUISEAN  CHRIOSD 


Gun  teagamh  chan  'eil  e  maith  do  dhaoine 
a  bhi  tuilleadh  's  a  choir  bruidhneach.  no 
gabach  mu  nithean  soluimte,  gu  sonraichte 
mu  fhioarachadh,  agus  mu  fhaireachduin  an 
anama,  agus  gle  thric  chan  'eil  anns  an 
fhianuis  a  bhios  braithrean  briathrach  agus 
eu-domhain  a'  toirt  do  gach  duine  a  thachras 
orra  mu'n  doigh  anns  an  robh  iad  air  an 
iompachadh  ach  gliongarsaich  gun  tairbhe. 
Tiia  feum  air  tuigse  agus  air  gliocas  agus  air 
fein-smachd  aig  fianuisean  Chriosd  cho 
maith  's  a  tha  feum  aca  air  eud  agus  dil- 
seachd,  agus  tha  feum  aca  daonnan  a 
chumail  'n  an  cuimhne  gu  bheil  Dia  'g  an 
cluinntinn. 

Ach  air  a  shon  sin  an  uair  a  shsallas  sinn 
air  ar  n-ais  tha  f hios  agam  gu  bheil  aith- 
reachas  air  cuid  againn,  agus  theagamh  a' 
chuid  as  motha,  gu'n  d'fhan  sinn  'n  ar  tosd 
iomadh  uair  a  bu  choir  dhuinn  ar  f ianuis 
mar  Chriosduidhean  a  thogail  agus  aobhar 
agus  eaglais  Chriosd  a  sheasamh.  Chan 
fhoghainn  e  dhuinn  a  bhi  seinn  anns  an 
eaglais  air  an  t-Sabaid, 

Chan  aobhar  naire  leam-sa  Criosd 
No  'chilis  a  dhion  gu  beachd, 

mur  bheil  misneach  againn  air  laithean  na 
seachduin,  am  measg  ar  companaich  agus 
anns  gach  aite  no  comunn  anns  am  bi  sinn, 
a  leigeil  fhaicinn  do  dhaoine  a  bhios  a' 
magaclh  air  nithean  naomh,  no  air  Eaglaisean, 
no  air  soisgeulaichean,  no  a'  deanamh 
dibhearsoin  air  a'  Bhiobull,  no  ag  radh  rud 
salach  a  chuireadh  naire  air  daoine  beusach, 
gur  cairdean  agus  luchd-leanmhuinn  Chriosd 
sinn  aig  a  bheil  urram  d'a  ainm,  agus  nach 
urrainn  sinn  fuireach  'n  ar  tosd  ag  eisdeachd 
ri  cainnt  no  ri  beachdan  a  tha  mosach  is 
feall. 

O  chionn  beagan  sheachduinean  thuirt 
cleireach  ann  an  Dun-eideann  rium  nach 
creidinn  na  bha  ri  chluinntinn  de  dhroch 
chainnt  agus  de  dhraosdachd  agus  de 
naidheachdan  salach  ann  an  seomraichean- 
gnothaich  anns  a'  bhaile,  agus  am  biithan 
mora,  agus  ann  an  tighean-oibre  eile  far  a 
bheil  daoine  cruinn,  agus  cothrom  aca  air 
bruidhinn  agus  each  'g  an  cluinntinn. 

"  Bha  mise  ag  obair,"  ars  esan,  "  coig 
bliadhna  ann  an  tigh-malairt,  far  nach 
cluinneadh  tu  la  's  a'  bhliadhna  ach  seanchas 


cho  draosda  no  cho  toibheumach  's  gu'n 
cuireadh  e  orrais  ort.  Ach  air  a  shon  sin  cha 
do  leig  mi  orm  nach  robh  an  cainnt  a' 
cordadh  rium,  agus  ged  bha  ochd  duine  deug 
comhla  rium  ag  obair  anns  an  aon  aite, 
agus  cuid  dhiubh  na  b'oige  na  mi  fhein,  cha 
robh  fhios  aig  gin  dhiubh  gu'n  robh  mi  'n  am 
fhear-aideachaidh  no  gu'm  buininn  do  dh' 
eaglais  Chriosd.  Cha  robh  annam  ach  an 
gealtair,  agus  bha  uiread  naire  orm  air  son 
a  bhi  cho  neo-dhUeas  do  m'  chreideamh 
agus  do  m'  Mhaighstir  's  gu'n  d'thug  e 
bhuam  mo  shonas  agus  mo  chadal.  Ach  mu 
dheireadh  chuir  mi  romham  gu'm  bruidh- 
ninn,  ciod  air  bith  a  thachradh,  agus  am 
maireach  an  uair  a  chuala  mi  fear  dhiubh  ag 
innseadh  naidheachd  dhrabasta  chronaich 
mi  e  agus  dh'fheuch  mi  ri  innseadh  dhaibh 
ciod  a  shaoileadh  no  theireadh  Criosd  riu. 
An  toiseach  cha  do  rinn  iad  ach  gaire  ;  an 
sin  thoisich  iad  air  tarruing  asam  agus  air 
feoraich  dhiom  c'uin  a  bha  mi  dol  a  mach 
do  na  h-Innsibh  mar  mhissionaraidh,  ach 
an  uair  a  dh'fhas  iad  sgith  dheth  s'n  bha  an 
seomarna  bu  shamhaiche  agus  tha  mi  an 
dull  na  bu  ghloine.  Ach  mur  robh  e  'n  a 
bhuannachd  do  neach  eile,  bha  e  'n  a 
bhuannachd  dhomh  fhein  oir  thainig  mo 
shonas  agus  mo  shaorsa  air  ais." 

Ach  chan  e  so  an  seorsa  f ianuis  a  tha 
cothrom  maith  aig  daoine  air  a  thoirt  do 
Chriosd  air  an  diithaich.  Anns  na  bailtean- 
mora  chan  aithne  do  dhaoine  a  cheile  ach 
ann  an  tomhas  beag,  ach  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  far  an  aithne  do  dhaoine  an  coimh- 
earsnaich,  o'n  craicionn  gu'n  cridhe,  o'n 
creideamh  gu'n  gniomh,  a  muigh  's  a  stigh, 
tha  luchd-aideachaidh  air  an  cur  air  a' 
mheidh  a  h-uile  latha  d'am  beatha,  agus 
breith  air  a  thoirt  air  Criosd  agus  air  eaglais, 
agus  air  Dia  fhein,  a  reir  na  f ianuis  a  tha 
iadsan  a'  toirt  seachad.  Chan  'eil  neach 
air  bith  'n  a  fhianuis  mhaith  do  Chriosd 
mur  bheil  daoine  eile  a'  faicinn  ni-eigin  ann  a 
chuireas  Criosd  agus  Dia  'n  an  cuimhne, 
no  rud-eigin  a  thaisicheas  an  cridhe  fhein 
agus  a  ni  Criosd  ion-mhiannaichte  leo. 

Ach  is  e  an  neach  as  fhearr  an  airidh  air 
an  ainm  uasal  "  f ianuis  "  an  neach  a  sheasas 
gu  fuil,  a'  cathachadh  an  aghaidh  peacaidh, 
agus  a  bhios  dileas  gu  bas.  Sin  a  rinn  na 
martaraich. 


Fo  Chraobh  Sheudair 


CO  ris  a  theireadh  tu  duine  dona  ? 

Theireadh  ri  duine   nach    'eil  laghach   ri 
mhnaoi. 

Tha  corr  agus  fichead  bliadhna  o  nach  do 


chuimhnich  mi  air  Eanruic  Ballingall,  agus 
o  nach  cuala  mi  neach  eile  ag  ainmeachadh 
'ainme,  ach  anns  a'  mhaduinn  an  diugh  an 
uair   a   thainig   am   posta  leis  a'  phaipear- 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


naidheachd  chuir  mi  as  mo  laimh  an  inneal 
leis  an  robh  mi  ag  obair  anns  a'  gharradh 
agus  shuidh  mi  fo'n  chraoibh  so  a  dh'fhaicinn 
ciamar  a  chaidh  le  Iain  Panton  ann  an 
Comhfharpuis  Golf  anns  an  robh  duaisean 
mora  air  an  toirt  do'n  fheadhainn  a  b'fhearr. 
Chan  e  Panton  a  bha  air  thoiseach  ach  fear 
I.  H.  Ballingall,  duine  nach  b'aithne  dhomh. 
Mar  sin  cha  robh  de  bhuaidh  aig  an  ainm 
air  m'inntinn  ach  gu'n  do  chuir  e  'n  am 
chuimhne  Ballingall  eile,  Eanruic  Ballingall, 
tuathanach  ann  am  Peairt,  nach  maireann 
an  diugh,  no  gin  de  na  daoine  d'am  buineadh 
e  ;  daoine  cruaidh,  garg,  saoghalta,  a  sheas 
an  suUean  a  mach  le  saill,  agus  a  f-huair 
miann  an  cridhe  car  greis,  ach  a  tha  an 
cuimhne  a  nis  air  a  gearradh  as  o'n  talamh. 
B'e  Eanruic  an  t-aon  mu  dheireadh  dhiubh, 
agus  shiubhail  esan  o  chionn  iomadh  blaidhna 
ann  an  Gartnavel,  an  deidh  dha  a  chuid  61, 
agus  bean  chiuin  a  chur  do'n  uaigh,  agus 
anam  fhein  a  sgrios.  Ach  ged  a  sgriobh  mi 
am  facal  mu  dheireadh  so,  bheir  mi  air  ais  e, 
oir  chan  ann  dhuinne  a  bhuineas  breitheanas 
ach  do  Dhia. 

Spagluinn  is  Spagadagliog 

A  thaobh  dhaoine  a  chaidh  fada  air 
seachran  tha  e  f  ior  gur  e  aobhar  an  seachrain 
gle  thric,  gu'n  robh  meang  no  failing  'n  an 
gne  gu  nadurra,  agus  tha  mi  an  diiil  gur  e 
an  rud  ris  an  abair  sinn  uabhar,  no  uaill,  an 
fhailing  shonraichte  a  bha  ann  an  Eanruic 
Ballingall  bho  rugadh  e.  Bu  toigh  leis  a 
bhi  mor,  farmad  a  bhi  aig  daoine  eile  ris, 
agus  a  bhi  'g  an  cluinntinn  ag  radh  nach 
d'fhairtlich  e  riamh  air  rud  air  bith  fhaotainn 
a  mhiannaich  e,  no  chuir  e  roimhe  a  bhi  aige. 
Sin  a  thug  air  posadh  ;  bhiodh  e  cho  furasda 
dhomh  a  chreidsinn  gu'n  robh  gaol  aige  air 
an  nighinn  ghrinn  a  phos  e  's  gu'm  biodh 
gaol  aig  molt  dubh-cheannach  air  uiseag- 
mhonaidh,  ach  an  uair  a  bha  e  air  a  sheanchas 
anns  an  diithaich  gu'n  robh  moran  shuirigh- 
each  ag  iarraidh  Eilidh  Maxwell  a  phosadh  ; 
oifigich-airm,  tighearnan-fearainn,  buill- 
Parlamaid,  agus  feadhainn  eile  aig  nach 
robh  dad  de'n  t-saoghal  ach  deagh  mhisneach 
agus  dochas,  ach  gu'n  do  dhiiilt  i  iad  uile, 
chuir  Eanruic  Ballingall  roimhe  gu'n  cuir- 
eadh  esan  teadhair  oirre.  "  Chan  fhaca  mi 
riamh,"  ars  esan  ri  fear  d'a  chompanaich 
anns  an  Waverly  Hotel  am  Peairt,  "  agh 
air  nach  cuirinn  buarach,  no  loth  air  nach 
cuirinn  taod." 

Aig  Ni-maith  a  mhain  tha  fhios  ciamar  a 
tharruing  a'  charaid  ud  ri  cheile,  no  ciod  an 
leannanachd  neonach  a  bha  eatorra  anns  an 
ixine  ghoirid  eadar  eolas  fhaotainn  air  a 
cheile  agus  posadh,  oir  dithis  cho  eu-coltach 


ri  cheile  chan  fhaigheadh  tu  ged  a  shiubhladh 
tu  Albainn  uile,  esan  cho  romach,  colgach  ri 
fothannan  friodhanach  agus  ise  cho  min, 
boidheach  ri  brog-na-cuthaig. 

Na'n  robh  i  gun  fear  eile  a  bhi  as  a  deidh, 
d'a  seorsa  fhein,  cha  chuireadh  e  uiread 
ionghnaidh  ort  gu'n  ceangladh  i  i  fhein  ri 
leithid  Eanruic  Ballingall,  duine  durbhaidh 
do  nach  b'aithne  eadhon  a  bhiadh  a  ghabhail 
gu  samhach  grinn  mar  bhios  daoine  eile'g 
a  ghabhail,  agus  anns  nach  robh  aon  bhoinne 
a  dh'uaisle  o  fhuil  no  o  oilean,  no  o  eagal 
Dhe  no  dhaoine.  Na  bu  mhiosa  na  sin  bha 
e  cho  trom  air  an  deoch  's  gu'm  biodh 
tuathanaich  eile  'g  a  sheachnadh  ann  am 
Peairt,  agus  cho  suarach  mu  chliii  bhoir- 
eannach  's  nach  robh  boireannach  banail  no 
caileag  shearbhanta  eadar  Dail-na-ceardaich 
agus  Craoibh  air  nach  robh  eagal  roimhe. 
An  deireadh  a  laithean  an  uair  a  thug  seana 
Miss  Reid  suas  an  sgoil  a  bha  aice  ann  an 
Sruthan,  b'e  an  aon  chuid  d'a  sgoilearachd  a 
chum  i  suas,  a  bhi  a'  cunntas  na  bha  aig 
Eanruic  Ballingall  de  chloinn  dhiolain. 

Sin,  mata,  an  duine  dona  ris  an  do  chean 
gail  Elidh  Maxwell  i  fhein  gu  gorach,  gun 
chead  a  h-athar  no  a  mathar  agus  gun 
bheannachd  fiu  a  h-aon  d'a  cairdean  lion- 
mhor.  Cha  b'e  sagart  no  ministear  a  phos 
iad  ach  an  Siorram,  agus  cha  robh  a  lathair 
ach  iad  fhein  agus  tri  fianuisean,  cleireach 
agus  da  ghille-each  as  an  stabull  aig  Ballingall. 
B'ion  do  Elidh  Maxwell  "  mulad  a  bhi  oirre 
latha  a  bainnse,"  agus  eagal  cuideachd,  a' 
dol  air  cheann  turuis  cho  soluimte  agus  cho 
cunnartach  gun  bheannachd  a  parantan,  gun 
bheannachd  a  cairdean,  agus  gun  bheann- 
achd na  h-eaglais,  an  Eaglais  Shasunnach 
d'am  buineadh  i  agus  anns  an  robh  i  'na 
bean-chomanachaidh.  Bu  bheag  aig  Eanruic 
"  beannachd  na  h-eaglais,"  rud  nach  do 
shanntaich  agus  nach  d'iarr  e  riamh. 

Car  son  a  rinn  i  e  ? 

Thog  am  posadh  ud  uiread  seanchais 
's  ged  b'e  Ban-phrionnsa  a  bha  ann  an 
Eilidh  Maxwell,  agus  b'e  an  aon  cheist  a 
bha  am  beul  gach  neach  a  bhruidhneadh 
uime,  "  Car  son  air  an  t-saoghal  a  rinn  i  e  ?  " 
Caileag  6g  lurach,  o  dhaoine  uasal  measail, 
a  bha  air  a  togail  agus  air  a  h-oileanachadh 
mar  bhean  uasal,  anns  an  robh  grinneas 
agus  maldachd  nadurra  a  thuilleadh  air  an 
inbhe  shaoghalta  a  bha  aice,  'g  a  ceangal 
fhein  gu  neo-chothromach  ri  ramailear  borb 
de  dhuine  anns  nach  robh  inntinn,  no  coguis, 
no  caomhalachd,  no  modh — ^sin  rud  nach 
'eil  furasda  a  thuigsinn.  Taeireadh  cuid 
nach  robh  i  sona  'n  a  dachaidh  agus  gu'n 
robh  balla-meadhoin  eadar  i  fhein  agua  a 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


parantan.  Ach  ged  bhiodh  sin  fior,  bha 
fichead  doigh  eile  anns  am  faodadh  i  sonas 
agus  saorsa  fhaotainn  gun  dol  an  liiib  an 
duine  ud. 

Chuala  mi  iomadh.  rud  air  ainmeachadh, 
le  seann  daoine  mar  aobhar  gu'n  do  rinn 
Elidh  Maxwell  posadh  cho  amaideach,  ach 
cha  chuala  mi  duine  idir  ag  radh  gu'n  robh 
i  air  a  dalladh  le  gaol,  no  gur  e  gaol  a  thug 
oirre  a  dheanamh.  Mar  sin  tha  mi  a'  leth- 
chreidsinn  gu'n  robh  Miss  Reid  ceart  an 
uair  a  thuirt  i  rium  gu'n  robh  i  air  a  cur  fo 
gheasaibh  leis  a'  chumhachd  a  bha  aige 
thairis  air  eich,  agus  na  h-euchdan  a  dheanadh 
e  leo  'g  am  marcachd.  A  Ihuilleadh  air  na 
Clydesdales  fhiachail  a  bha  aige,  a  bhiodh 
air  thoiseach  daonnan  aig  Show  Pheairt, 
bha  e  ag  arach  eich-reisidh  a  bhiodh  a' 
ruith  aig  Sgain  agus  Baile  nam  Friasgan  agus 
lonar-ar,  agus  e  fhein  'g  am  marcachd. 
Bha  e  maith  anns  an  diollaid  ;  bha  lamhan 
maith  aige,  agus  misneach  is  diorras  gun 
chiall. 

B'e  an  aon  ni  a  b'fhearr  le  Eilidh  Maxwell 
air  an  t-saoghal  a  bhi  am  measg  each  agus 
a  bhi  a'  marcachd,  agus  b'e  an  seorsa  dhaoine 
a  b'fhearr  leatha  a  bhi  comhla  riu  gillean- 
stabuill  agus  daoine  laidir  misneachail  aig 
an  robh  smachd  is  comannd  air  eich  fhiadh- 
aich  a  chuireadh  eagal  air  daoine  eile.  Tha 
gaol  aig  boireannaich  air  neart  agus  gaisgeal- 
achd  agus  comannd  ann  am  fir,  agus  gle 
thric,  mar  is  meanbha  agus  is  laige  iad  fhein, 
agus  mar  is  mine  agus  is  beusaiche  a  bha  iad 
air  an  togail,  is  ann  is  motha  a  tha  tarruing 
aig  neart  dhaoine  ceannsachail  orra,  gus  mu 
dheireadh  a  bheil  draoidheachd  air  a  chur 
orra  agus  an  caill  iad  an  toil  agus  an  luth 
agus  an  ciall  mar  gu'm  biodh  coinean  a  tha 
neas  air  a  shall. 

Fan  ri  dheireadh 

O'n  cheud  la  a  chaidh  iad  comhla  cha 
robh  am  posadh  ud  sona.  Bha  i  ro  ghrinn 
agus  ro  bheusach  air  a  shon  agus  bha  fhios 
aige  air,  ach  ma  bha,  cha  do  rinn  sin  ach 
farran  agus  fearg  a  chur  air,  agus  mu'n 
robh  iad  mios  posda  thoisich  e  air  magadh 
oirre,  agus  a  bhi  doirbh  rithe  an  lathair 
sheirbhiseach  agus  an  lathair  na  graisge  a 


bhiodh  e  a'  toirt  a  dh'ionnsuidh  an  tighe. 
An  uair  a  chaidh  bliadhnaseachad  gun  duine 
cloinne  a  bhi  aca  rinn  sin  e  na  bu  bhuirbe 
air  fad,  agus  bhiodh  e  'g  a  thilgeadh  oirre 
mar  inisg  ann  an  cainnt  a  chuireadh  sgreamh 
ar  ban-cheard. 

A  h-uile  Di-haoine  thigeadh  e  dhachaidh  a 
Peairt  air  an  daoraich  agus  dh'fheumadh  na 
gillean-stabuill  a  ghiulan  troimh  'n  chitsin 
do'n  leabaidh  mar  gu'n  robh  iad  a'  giulan 
cuirp.  ' 

Ach  car  son  a  sharaichinn  daoine  cneasda 
a  leughas  an  duilleag  so  le  bhi  a'  deanamh 
an  corr  iomraidh  air  duine  anns  nach  robh 
naire  no  ceanaltachd  no  suairceas,  ach  is  e  a 
thug  orm  an  naidheachd  bhronach  so  inn- 
seadh  gu'm  bu  mhaith  leam  gu'n  sealladh 
nigheanan  oga  romhpa  an  uair  a  tha  iad  a' 
smuaineachadh  air  iad  fhein  a  cheangal  ri 
fear  air  bith  le  bann-posaidh,  eadhon  ged 
bhiodh  gaol  aca  air.  Ciod  a  tha  ann  an  gaol 
mur  bheil  a  air  a  steidheachadh  air  ciall 
is  gliocas,  is  fein-smachd,  ach  treoraiche  a 
dh'fhaodas  daoine  a  chur  air  seachran ; 
solus  anns  an  loisg  iad  an  sgiathan  mar  an 
leomann. 

Ann  an  tri  bliadhna  bha  Eilidh  Maxwell 
marbh ;  ach  bha  a  h-6ige  agus  a  cridhe 
agus  an  spiorad  beo  a  bha  'n  a  h-inntinn 
briste  agus  marbh  fada  mu'n  d'fhag  an 
anail  a  corp.  Is  e  an  rud  a  b'fhearr  a  rinn 
Eanruic  Ballingall  'na  bheatha,  nach  do 
chuir  e  uiread  agus  clach-chinn  os  a  cionn. 
Cha  bhiodh  an  sin  ach  an  tuilleadh  tamailt 
a  chur  oirre.  Mur  bheil  daoine  laghach  ri 
cheile  'n  am  beatha,  chan  'eil  anns  a'  chaoidh 
a  bhios  air  a'  chloich-chinn  ach  deoir  gun 
deurach. 

Thoisich  mi  leis  a'  cheist  so,  Co  ris  a 
theireadh  tu  duine  dona  ?  agus  criochnaichidh 
mi  le  ceist  eile,  ciod  an  la  as  sona  ann  am 
beatha  te  a  tha  air  a  ceangal  ri  fear  nach 
'eil  laghach  rithe  ?  Theirinn  gur  e  la  a 
bais.    • 

Cia  tosdach  seimh  an  leaha  'n  uaigk, 
A  ghabhail  suain  is  fois, 
Theid  crioch  air  dragh  luchd-euceirt  innl' 
'S  gheibh  daoine  sgith  innf  clos. 


Comunn  Gaidhealach  nam  Ban 

Cuireadh  do  Bhana-Ghaidheil  Oga 

An  t-Urrarnach    T.   M.  Mac    Galmain,  31.  A. 


CHAIDH  Comunn  Gaidhealach  nam  Ban, 
no  "  Comunn  nan  Ladies,"  no  an  '"  L.H.A." 
{Ladies  Highland  Association),  a  steidheach- 


adh an  toiseach  anns  a'  bhliadhna  1850. 
Mar  sin,  an  ath  bhliadhna  bithidh  an  Comunn 
ceud  bliadhna  a  dh'aois.  agus  amis  an  iiine 


CPMUNN  GAIDHEALACH  NAM  BAN 


5 


fhada  sin  is  mor  an  t-seirbhis  a  rinn  e  do  na 
cearnan  S:in  de'n  Ghaidhealtachd  anns  an 
robh  e  a'  saothrachadh. 

Anns  a'  cheud  chuid  de  a  eachdraidh, 
agus  suas  gus  an  t-am  anns  an  do  ghabh  an 
Staid  lan-iighdarras  thairis  air  uile  sgoilean 
na  dtithcha,  blia  an  "  L.H.A.'"  ag  ciimail 
sgoilean  air  feadh  na  Gaidhealtachd,  an 
uair  nach  robh  sgoilean-sgire  is  sgoilean  eile 
aoh  tearc.  Aig  aon  am  bha  mu  choig  mile 
sgoilear  ann  an  sgoilean  a'  Chomuinn,  agus 
deich  is  tri  fichead  oileanach,  a  bha  toirt  a 
mach  foghlum  na  ministrealachd,  'gan 
teagasg. 

An  deidh  sin,  agus  suas  gus  an  t-am  anns 
an  do  ghabh  an  Staid  an  obair  sin  os  laimh 
mar  an  ceudna,  bha  an  Comunn  a'  toirt 
bhanaltrum  do  iomadh  sgire.  0  chionn 
moran  bhliadhnachan  a  nise  chan  'eil  raon 
a'  Chomuinn  eho  farsaing  's  a  b'abhaist  dha 
a  bhith,  ach  fhathast  tha  e  a'  deanamh 
obair  mhaith.  Tha  e-  ag  cumail  mhnathan- 
cuideachaidh  ann  an  sgirean  sonraichte  air 
a'  Ghaidhealtachd,  far  a  bheil  mor-fheum 
air  an  leithid  gu  bhith  cuideachadh  leis  a' 
mhinistear  ann  a  bhith  teagasg  na  h-6igridh. 
An  ceartuair  tha  ochd  de'n  luchd-cuideach- 
aidh  so  aig  a'  Chomunn — a  tri  a'  saothrach-* 
adh  anns  an  Eilean  Sgitheanach  agus  a 
coig  ann  an  Leodhas. 

Ciod  a  tha  iad  sin  a'  deanamh  ?  Tha  iad 
ag  cumail  sgoilean-Sabaid  agus  air  feas- 
graichean  eile  tha  iad  ag  gleidheadh  chlasaich- 
ean  anns  a  bheil  an  oigridh  a'  foghlum 
iomadh    ealain   fheumail.      Bithidh    iad    a' 


tadhal  air  a'  mhuinntir  a  tha  aosda  agus 
aonaranach  agus  euslan,  agus  an  iomadh 
doigh  eile  tha  iad,  an  ainm  Chriosd  agus 
na  h-Eaglaise,  a'  nochdadh  baidh. 

Tha  feum  aig  a'  Chomunn  air  barrachd 
luchd-oibreach  na  tha  aca,  agus  mar  sin 
tha  iad  a'  toirt  cuireadh  do  bhan-Ghaidheal 
6g  sam  bith  a  leughas  seo  a  h-ainm  a  chur 
a  steach  air  son  na  h-oibre  seo,  Feumaidh 
iadsan  a  tha  miannachadh  gabhail  ann  an 
seirbhis  a'  Chomuinn  a  bhith  os  cionn 
fichead  bliadhna  a  dh'aois  agus  a  bhith  an 
deagh  shlainte.  Feumaidh  iad  cuideachd  a 
bhith  'nan  luchd-comanachaidh  ann  an 
coimhthional  air  chor-eigin,  agus  tha  e  'na 
chuideachadh  ma  bha  cursa-foghluim  aca 
ann  an  ard-sgoil  agus  ma  choisinn  iad  an 
deuchainn  as  airde  {Leaving  Certificate). 
Bha  coir  aca  cuideachd  a  bhith  'nan  luchd- 
bruidhinn  Gaidhlig,  ach  gabhar  ri  feadhainn 
aig  nach  'eil  Gaidhlig  idir. 

Tha  aca-san  a  tha  gabhail  anns  an  t- 
seirbhis  seo  ri  da  bhliadhna  a  chur  seachad 
ann  an  Colaisde  St.  Colm's  an  Dun-Eideann, 
ag  ionnsachadh  nan  nithean  a  bhios  feumail 
dhaibh  'nan  obair.  Cuidichidh  an  Comunn 
leotha  am  feadh  's  a  tha  iad  anns  a'  Cholaisde, 
agus  tha  tuarasdal  air  a  thoirt  dhaibh  cho 
luath  's  a  thoisicheas  iad  air  an  obair  anns  a' 
chearn  anns  an  teid  an  suidheachadh. 

Neach  leis  an  aill  gabhail  anns  an  t- 
seirbhis  seo,  no  aig  a  bheil  miann  tuilteadh 
fiosrachaidh  fhaotainn  mu'n  chhis,  sgriobh- 
adh  iad  gu  :  The  Secretary,  Ladies'  Highland 
Association,  121  George  Street,  Edinburgh. 


Gilleasbuig  MacAsgaill 


THA  ionndrainn  agus  caoidh  air  an  eildeir 
choir  seo  chan  ann  a  mliain  an  sgu-eachd 
Bhatarnis  d  'am  buineadh  e,  ach  mar  an 
cendna  an  sgireachdan  taobh  tuath  an 
Eilein  Sgitheanaich. 

Rinn  e  an  roghainn  mhaith  'n  a  dhuine 
6g  agus  bha  a  bheatha  riamh  o'n  uair 
sin  a'  togail  fianuis  gu  robh  e  a'  gluasad 
maille  ri  Dia. 

Fad  iomadh  bliadhna  bha  e  'n  a  eildear, 
an  toiseach  's  an  Eaglais  Shaor  Aonaichte, 
agus  an  sin  ann  an  Eaglais  na  h-Alba,  a 
ghnath  a'  deanamh  na  dh'fhaodadh  e  air 
son  aobhar  Dhe,  oir  b'  e  sith  agus  maith 
Jerusaleim  a  bhi  meudachadh  miann  a 
chridhe.  Bha  e  iiine  mhor  'n  a  ionmhasair 
agus  'n  a  eildear  cleire,  oir  bha  e  glic  grunn- 
dail  ann  an  gnothuichibh  agus  measail 
aig  na  braithrean. 


Bu  tlachdmhor  a  bhi  'n  a  chuideachd 
oir  bha  e  'n  a  chonaltraiche  maith,  agus 
bha  a  ghradh  d'  a  Fhear-saoraidh  a'  cur 
daonnan  salann  'n  a  chomhradh. 

Fhuair  e  aois  mhaith,  ceithir  fichead 
bliadhna  's  a  seachd,  agus  ged  bha  e  air  an 
leabaidh  's  na  m.iosan  mu  dheireadh  cha  d' 
fhailnich  a  chuimhne  no  aithne.  Gu 
sonruichte  's  na  laithean  mu  dheireadh 
bha  a  chaithe-beatha  air  neamh,  agus 
cosmhail  ri  sean  lonraic  hi  fhianuis  aig  a' 
chrich  "  Tha  gras  a'  rioghachadh."  Shiubhail 
e  dhachaidii  gu  seimh  air  an  ochdamh  la 
deug  de  cbeud  mhios  na  bliadhna.  "Thoir 
fainear  an  duine  foirfe,  agus  amhairc  air 
an  duine  ionraic  ;  oir  is  i  sith  as  crioch  do  'n 
duine  sin." 

Tha  co-fhaireachdainn  againn  ri  bhan- 
traich  choir  agus  a  theaghlach  'n  am  bron. 

T).  I.  MAoFHiONCrHLmN,  Ministmr  Bh-afarnis. 


Aig  an  Uinneig 


Bho  I  Chalum-cille  gu  Dun-Bhlathain 

SO  an  t-ainm  a  thugadh  do  leabhran  beag 
(a'  phris  leth-chrun)  a  tha  air  a  chur  a  mach 
le  Comunn  Naisinneach  a'  Bhiobuill  an 
Albainn,  a  dh'innseadh  mu  obair  a'  Chomuinn 
agus  mar  a  tha  iad  a'  craobh-sgaoileadh  a' 
Bhiobuill  anns  gach  duthaich  fo'n  ghrein. 

Bha  cuid  de  chompanaich  Chaluim-Cille 
ann  am  manachainn  Ithe  nach  robh  'n  an 
sgoilearan  ;  bha  iad  sin  air  an  cumail  ag 
obair  air  an  fhe^rann  agus  air  nithean  eile 
a  bha  feumail  do  'n  Mhuinntir,  ach  bha  a' 
chuid  dhiubh  a  dh'ionnsaich  sgriobhadh  air 
an  cumail  a'  sgriobhadh  a'  Bhiobuill.  Tha  e 
air  a  radh  gu'n  do  sgriobh  Calum-cille  le 
laimh  fhein  tri  cheud  BiobuU,  ach  chan  'eil 
dreach  na  firinn  air  an  naidheachd  sin,  oir 
bu  mhaith  an  obair  e  do  dhuine  ann  am 
bliadhna  aon  Bhiobull  a  sgriobhadh  le  l^imh. 
A  thuilleadh  air  sin  cha  robh  am  Biobull 
slan  aig  Calum-CUle,  is  tha  mi  an  dull  nach 
,  do  sgriobh  e  riam.h  ach  criomain  dheth  as  na 
sailm  agus  na  soisgeulan.  Ach  na'n  robh 
dad  de  na  dh'ath-sgriobh  an  duine  naomh 
air  mhaireann  an  diugh,  'n  a  laimh  fhein, 
nach  ann  air  a  bhiodh  am  margadh  agus  am 
meas !  Ach  chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  a 
bheir  dtilain  do  dhroch  shid  nan  Eileanan 
Siar  fad  mile  bliadhna  ach  na  creagan, 
agus  eadar  cloimh-liath  is  grodadh  nan  linn- 
tean  agus  teine  nan  Lochlannach,  chan  'eil 
sgeul  an  diugh  air  gin  de  na  Biobuill  a  bha 
ann  an  I. 

Anns  an  leabhran  so  tha  e  air  innseadh 
mar  chaidh  craobh-sgaoileadh  a'  Bhiobuill 
air  aghaidh  an  Albainn,  o'n  bheag  gus  a' 
mhor,  agus  mar  a  sgaoil  an  Comunn  a 
sgiathan  gus  a  nis  a  bheil  teachdairean  agus 
luchd-reic  Bhiobull  aige  anns  gach  cearn 
de'n  t-saoghal.  Is  fhiach  an  obair  so  a 
cuideachadh,  agus  ann  am  moran  de  sgir- 
eachdan  agus  a  dh'eaglaisean  anns  a' 
Ghaidhealtachd,  agus  air  feadh  Albainn 
uile,  tha  sin  air  a  dheanamh.  Tha  e  air 
fas  fann  'n  am  chuimhne  an  diugh,  ach 
o'n  cheud  uair  a  leugh  mi  Beat  ha  an  Ollaimh, 
Domhnullach  na  Toisigheachd,  dh'fhan  e  'n 
am  inntinn  cho  trie  agus  cho  dealasach  's 
a  bhiodh  e  a'  searmonachadh  an  sud  agus 
an  so  a  chuideachadh  Chomunn  a  bha  tional 
airgid  a  chraobh-sgaoileadh  a'  Bhiobuill. 

Bha  airgiod  cho  gann  aig  aon  am  's  gu'm 
biodh  daoine  a'  tairgsinn  chearcan  is  uibhean, 
no  cairt  fheoir,  no  da  luchd  mona,  an 
iomlaid  aona  Bhiobull,  agus  bha  boirionnach 
anns  a'  Bhraighe,  an  sgir  Urchardain,  a  bha 
cho   deidheil  air   Biobull    a    laimhseachadh 


agus  a  leughadh  's  gu'n  d'thug  i  a  h-earrasaid 
agus  a  currac  do  bhan-choimhearsnach  air 
son  iasad  dheth. 

Duine  air  bith  a  tha  a'  feuchainn  ri  Facal 
Dhe  a  chur  ann  an  lamhan  agus  ann  an 
cridheachan  dhaoine  aig  nach  'eil  e  cheana 
tha  lamh  aige  ann  an  obair  mhaith,  oir  is  e 
Facal  Dhe  an  treoraiche  gu  Criosd,  Solus  an 
t-saoghail. 

Am  B.B.C. 

Chan  'eil  duine  an  Albainn  an  diugh,  scan 
no  6g,  aig  nach  'eil  fhios  ciod  a  tha  na 
litrichean  so  a'  ciallachadh.  Cha  bhiodh  e 
f  ior  dhuit  sin  a  radh  mu  mhoran  eile  de  na 
litrichean  a  chi  thu  air  paipear  no  a  chluinn- 
eas  tu  air  beul  dhaoine.  Eadar  an  giorrach- 
adh  a  bhios  muinntir  an  Airm  agus  cleirich 
anns  na  tighean-riaghlaidh  a'  deanamh  cha 
mhor  gu  bheil  ni  no  neach  air  fhagail  nach 
ann  le  litrichean  a  bhios  iad  a'  bruidhinn 
umpa,  mar  bhios  balaich  anns  an  sgoil 
a'  bruidhinn  mu  chach  a  cheile  le  far-ain- 
mean.  Bha  balach  a  Muile  a  bha  ag  obair 
an  garradh  iaruinn  air  Cluaidh,  mor  as 
fhein,  agus  a'  sgriobhadh  gu  mhathair  gu'n 
robh  e  a'  faotainn  air  aghaidh  anabarrach 
maith,  a  chionn  gur  e  L.D.  a  bhiodh  aig  a 
chompanaich  air,  agus  gun  fhios  aige  gur  e 
lazy  devil  a  bha  L.D.  a'  ciallachadh.  Ach 
ged  nach  biodh  fhios  againn  ciod  a  tha 
LXX,  no  I.T.U.,  no  F.B.S.T.,  no  C.T.S., 
no  B.S.T.,  no  U.P.  a'  ciallachadh,  tha  fhios 
againn  uile  ciod  a  tha  B.B.C.  a'  ciallachadh, 
agus  ni  miltean  is  miltean  d'ar  luchd- 
diithcha  fiughair  ris  na  facail,  "  This  is  the 
B.B.C.  Scottish  Home  Service." 

Air  a'  mhios  a  chaidh  seachad  bha  am 
B.B.C.  a'  sealltainn  air  ais  a  chumail  cuimhne 
air  an  obair  a  rinn  iad  anns  na  coig  bliadhna 
fichead  o  thoisich  iad,  agus  tha  sin  air 
innseadh  gu  reidh,  ordail,  ann  an  leabhran 
beag  boidheach  a  bha  air  a  sgriobhadh  le 
Melville  Dinwiddle  fo'n  ainm  The  Scot  and 
his  Radio.  Cha  ruig  mi  a  leas  ath-aithris  a 
dheanamh  air  na  tha  Mghr  Dinwiddle  ag 
innseadh  mu  fhas  na  h-oibre  so  o  bhliadhna 
gu  bliadhna,  agus  o'n  bheag  gus  am  mor, 
gus  a  bheil  daoine  an  diugh  cho  gaolach  air 
an  Radio  's  a  tha  iad  air  an  tombaca,  agus 
nach  deanadh  iad  feum  as  eugmhais.  Co 
dhiubh  is  e  so  innleachd  is  ionghnadh  as 
motha  a  chunnacas  anns  an  linn  so  (no 
ann  an  linn  air  bith  eile)  no  nach  e,  chan 
fhacas  agus  cha  chualas  rud  eile  riamh  a 
rinn  uiread  atharrachaidh  air  beatha  dhaoine, 
no  thug  dhaibh  uiread  toilea chaidh.     Eohvs, 


AIG  AN  UINNEIG 


ceol,  teagasg,  dibhearsoin,  ■  a  h-uile  ni  a 
tha  tachairt  air  feadh,  an  t-saoghail,  gheibh 
iad  sin  a  h-uile  latha  air  an  Radio,  agus 
iomadh  rud  eile  air  son  punnd  Sasunnach 
's  a'  bhliadhna,  ciinnradh  as  fhearr  a  fhuair 
iad  riamh. 

Bha  seana  bhean  ann  an  sgir  araidh  a 
bhithinn  a'  dol  a  dh'amharc  uair  's  a'  mhios, 
no  mar  sin,  a  chionn  gu  robh  i  onrachdach 
ann  an  aite  leth-oireach  far  nach  robh  i  a' 
faicinn  moran  dhaoine.  Cha  robh  i  idir 
crabhach,  ach  bha  i  cho  gaolach  air  naidh- 
eachdan  na  duthcha  a  tharruing  asam  's 
gu'm  bithinn  ag  radh  rium  fhein  air  uairean 
nach  robh  feum  ann  dhomh  a  bhi  dol  astar 
maith  a  thadhall  oirre  ach  a  mhain  gu  robh 
e  'n  a  thoileachadh  dhi  a  chluinntinn  ciod  a 
bha  an  W.R.I,  a'  deanamh  agus  trealaich 
shuarach  eile  de'n  t-seorsa  sin.  Ach  thug 
daimheach  air  choireigin  Radio  dhi,  agus  a' 
cheud  uair  a  thadhaill  mi  oirre  an  deidh  dhi 
fhaotainn,  chiim  i  mi  da  uair  an  uaireadair 
a'  leigeil  fhaicinn  dhomh  mar  a  bha  an 
inneal  ag  oibreachadh,  agus  na  nithean 
gasda  a  bha  ri  chluinntinn  air.  Mu  dheir- 
eadh  dh'fhas  i  cho  eolach  air  muinntir  an 
Radio,  agus  air  Churchill,  agus  Chamberlain, 
agus  Ramsay  MacDhomhnuill ;  air  Professor 
Joad  agus  Uilleam  Fyffe  ;  air  Niall  Mac 
Ghill-eathain  agus  Eoghan  Mac-a-phi,  agus 
air  maithean  a'  chiuil  's  gur  ann  air  an  ainm 
baistidh  a  bhiodh  i  a'  bruidhinn  umpa.  An 
aite  a  bhi  a'  feoraich  dhiom  mu'n  W.R.I,  cha 
robh  an  corr  iomraidh  aice  orra-san ;  is 
ann  a  bhiodh  i  a  nis  a'  toirt  naidheachdan 
an  t-saoghail  dhomhsa,  ag  innseadh  ciod  a 
thuirt  Hitler  agus  Hopkins  agus  Ciano,  agus 
ciod  a  bha  dol  air  aghaidh  ann  am  Paris, 
agus  ann  an  New  York,  agus  an  Lunnainn. 

Chan  'eil  fhios  agam  ciod  a'  bhuaidh  a 
bha  aig  an  Radio  air  a  h-inntinn  is  air  a 
h-anam,  ach  b'fheairrd  a  bodhaig  agus  a 
slainte  e  co  dhiubh.  Stad  an  ciuchran  a 
bhiodh  aice  ri  taobh  an  teine,  agus  thog  i 
oirre  mar  gu'm  biodh  i  deich  bliadhna  na 
b'oige,  an  uair  a  fhuair  i  a  steach  do  shaoghal 
a  b'fharsuinge  na  lub-a-gheoidh. 

Tha  OS  cionn  muillean  dachaidh  an  Albainn 
anns  a  bheil  Radio. 

Chan  'eil  dad  eile  's  an  amharc  aig  luchd- 
riaghlaidh  am  B.B.C.  ach  maith  na  diithcha, 
agus  nithean  glan  agus  urramach  a  chraobh- 
sgaoileadh,  a  bheir  fiosrachadh  agus  tuigse 
agus  solas  do'n  t-sluagh. 

Tha  iad  baigheil  ri  muinntir  na  Gaidhealt- 
achd,  ach  ged  bhios  Gaidheil  air  uairean 
a'  gearan  nach  'eil  an  iiine  a  tha  iad  a'  toirt 
dhuinn  ach  goirid,  tha  mise  an  dull  gu  bheil  i 
fada  gu  leor  air  son  na  tha  againne  ri  thoirt 
dhaibh.     An   coimeas   ri   luchd   na   Beurla 


chan  'eil  annainn  ach  sluagh  beag,  cho 
anfhann  ris  na  coineanan  gun  a  bhi  cho 
lionmhor  riu. 

Cha  bhi  mise  ach  gle  annamh  ag  eisdeachd 
ris  a*Q  Radio,  a  chionn  nach  'eil  mo  chlaist- 
eachd  cho  maith  's  a  bha  i,  ach  tha  mi  an 
dull  gu  bheil  an  fheadhainn  a  bhios  a' 
bruidhinn  air  a'  bruidhinn  ro  luath  mar  gu'm 
biodh  cabhag  orra,  agus  eagal  nach  urrainn 
dhaibh  criochnachadh  anns  an  iiine  a 
thugadh  dhaibh.  Ach  is  toigh  leis  an  oigridh 
luaths  is  siubhal  a  bhi  ann  am  bruidhinn 
dhaoine  ged  is  fhearr  leamsa  lad  a  bhi  a' 
bruidhinn  air  an  athais  gu  reidh.  "Nach 
'eil  da  uair  dheug  's  an  la !  " 

Mecca  na  h-Eaglais  Shaoir 

Anns  na  laithean  anns  an  robh  an  t- 
Ollamh  Alasdair  Whyte  'n  a  righ  thairis  air 
a'  choimhthional  so,  agus  'n  a  Choguis  bheo 
do'n  chuid  mhor  dhiubh,  bha  an  eaglais  so, 
Eaglais  an  Naoimh  Seoras,  an  aon  ni  do 
dhaoine  crabhach  a  thigeadh  do  Dhun- 
eideann  as  an  duthaich  a  bha  Mecca  do  na 
Mohammedanaich.  Ma  bha  Sabaid  aca 
anns  a'  bhaile  is  ann  innte  a  rachadh  iad, 
ged  a  dh'fheum^dh  iad  seasamh  fad  iiine 
ann  an  sreath  a  dh 'fhaotainn  a  steach. 
Bha  seasamh  aig  an  eaglais  so  nach  robh 
aig  gin  eile  anns  an  Eaglais  Shaoir,  bha 
ministearan  maith  agus  ainmeil  innte,  an 
t-Ollamh  Candlish,  an  t-Ollamh  Alasdair 
Whyte,  an  t-Ollamh  Uisdean  Black,  an 
t-Ollamh  Iain  Kelman,  agU3  an  t-Ollamh 
Seumas  Black.  Bha  seasamh  aice  cuideachd 
a  chionn  gur  ann  innte  a  bhiodh  maithean  na 
h-Eaglaise  Saoire  an  Dun-eideann  a'  dol, 
daoine  saibhir  agus  mnathan  crabhach  a 
bha  fialaidh  le'n  cuid  ann  an  aobhar  an 
t-soisgeil,  agus  a  dh'fhaodadh  a  radh,  "  Tha 
sinn  beartach  agus  gun  fheum  againn  air 
ni  air  bith."  Ged  bhiodh  eaglaisean  anns 
nach  robh  a'  bheag  de  choimhthional  no  a 
dh'airgiod  a'  cur  as  leth  a'  choimhthionail  so 
air  uairean  (theagamh  le  farmad)  gu'n  robh 
iad  a  cur  muinghin  anns  an  fheoil,  dh'fhaod- 
adh iad  a  radh  mar  thuirt  Pol,  gu'n  robh 
aobhar  aca  air  sin  a  dheanamh  ;  clann  an 
Dealachaidh,  oigKreachan  an  Ollaimh 
Chalmers;  a  thaobh  sgoilearachd  agus  eud 
air  thoiseach  air  na  Moderates  agus  na 
U.Ps,  agus  a  reir  na  f  ireantachd  a  tha  's  an 
lagh  neo-choireach. 

An  uair  a  bha  mi  an  Oilthigh  Dhiin- 
eideann  bha  an  t-Ollamh  Alasdair  Whyte 
aig  airde  a  neirt,  agus  an  eaglais  cho  Ian, 
maduinn  is  feasgar,  's  gu'n  robh  e  duilich 
aite-suidhe  fhaotainn  innte.  Ged  chaidh  i 
beagan  air  a  h-ais  o  chionn  bhliadhnachan, 
mar  chaidh  iomadh  eaglais  eile,  tha  i  fhathast 


AIG  AN  UINNEIG 


mor  agus  laidir,  is  seasamh,  aice  an  Diin- 
eideann  nach  'eil  ach  aig  dha  no  tri  eile. 

Bho  chionn  bliadhna  tha  an  eaglais  so 
falamh,  ach  ged  rannsaich  iad  Albainn  uile, 
mar  rannsaich  an  t-Uile-chum.hachdach. 
lerusalem  le  coinnlean,  ag  iarraidh,  sear- 
monaiche  a  thoilicheadh  iad,  cha  d'fhuair 
iad  duine  a  chuireadh,  Alasdair  Whyte  'n  an 
cuimhne  gus  an  d'amais  iad  air  gille  6g  as  na 
Hearadh,  Murchadh,  Eoghan  Domhnullach, 
B.D.,  a  tha  anns  an  t-Seann  Eaglais,  am 
Partick,  an  Glaschu. 

Sin,  mata,  an  gille  6g  a  bhios  air  a  shuidh- 
eachadh  gu  goirid  anns  an  eaglais  ainmeil 
so,  agus  tha  mi  cinnteach  gu  bheil  an  guidhe 
agus  an  iirnuigh  ann  an  cridhe  iomadh  duine 
anns  na  Hearadh  agus  air  feadh  na  Gaidh- 
ealtachd  gu'm  bi  beannachd  an  Tighearna 
maille  ris  anns  an  obair  mhor  a  tha  e  a'  dol 
air  a  ceann,  'n  a  dhachaidh  agus  'n  a 
choimhthional,  agus  gu'n  coimhlion  e  ann 
an  Dim-eideann  ministrealachd  a  bhios 
buannachdail  do  dhaoine  anns  an  t-seagh 
as  fhearr  ;  anns  am  bi  tuigse  agus  faidhidinn 
Chriosd,  agus  gaol  is  coibhneas  Chriosd  air 
am  foUlseachadh. 

Chan  'eil  eolas  agam-sa  air  Murchadh 
Domhnullach  na's  fhaide  na  gu'n  do  thachair 
sinn  an  aite-eigin  agus  gu'n  do  rug  mi  air 
laimh  air.  Ach  bu  mhaith  a  b'aithne  dhomh 
a  chuideachd  uile,  'athair  agus  ^  mhathair, 
agus  a  dha  sheanair ;  daoine  ciuin>  deanadach, 
beusach,  anns  an  robh  full  ghlan,  agus  modh 
is  uaisle  nadurra.  Ach  ged  nach  aithne 
dhomh  e  gu  pearsanta  tha  daoine  creideasach 
ag  innseadh  dhomh  gu  bheil  e  'na  sgoilear 
maith  agus  'na  fhear-teagaisg  maith,  agus 
'na  dhuine  turail,  laghach,  abhachdach. 
Thug  e  an  t-abhachdas  o  sheanair. 

Gu  ma  maith  a  theid  dha  an  Dim-eideann. 

Cabhag  agus  Luathas 

La  a  bha  mi  a'  feitheamh  ri  bus,  aig  Crois  a' 
bhaile  bhig  a  tha  dltith  do  m'  dhachaidh,  a 
dhol  do  Dhun-eideann,  bha  am  bus  beagan 
mhionaidean  air  dheireadh  air^  an  uair  aig 
am  bu  choir  dha  fagail.  Bha  sia  no  seachd 
eile  a'  feitheamh  air  cho  maith  rium-sa  ; 
an  uai'  a  chaidh  deich  mionaidean  seachad 
agus  gun  sgeul  fhathast  air  a'  bhus  chaidh 
iad  uile  ann  an  ireabais  mar  gu'n  robh 
tubaist  is  call  mor  air  tachairt  anns  an 
t-saoghal. 

Thoisich  iad  an  sin  air  iad  fhein  a  ghearan, 
agus  air  muinntir  na  Parlamaid  agus  muinntir 
an  S.M.T.  a  chaineadh,  agus  thuirt  te  de  na 
boireannaich  riumsa  gu'm  bu  choir  dhomh 
gearan  a  chur  a  stigh  a  dh'ionnsuidh  ard- 
chinn  nam  busaichean ;   agus  an  dull  gu'n 


cuLreadh  sin  sprachd  annam  agus  gu'm 
brosnaicheadh  e  mi  gu  bhi  cho  teth  's  a  bha 
"i  fhein,  thuirt  i  gu'n  robh  e  a'  cur  ionghnaidh 
oirre  mi  bhi  cho  cool,  agus  am  bus  cho  fada 
air  dheireadh.  Thuirt  mi  rithe  nach  cuireadh 
e  carraid  mhor  ormsa  ged  nach  tigeadh  e 
idir  ;  nach  robh  Dim-eideann  ach  sia  mile 
deug  bhuainn  agus  gu'm  faodamaid  coiseachd 
ann,  agus  gu'm  biodh  a'  choiseachd  na 
b'aotruime  agus  na  b'inntinniche  a  chionn 
gu'n  robh  uiread  againn  comhla.  Ach  anns 
a'  bhruidhinn  sin  fhein  thainig  am  bus  is 
sguir  an  seanchas. 

Car  son  a  tha  uiread  cabhaig  air  daoine  an 
diugh  ?  A  bheil  iad  a'  sabhaladh  uine 
le  bhi  a'  siubhal  cho  luath,  agus  ma  tha, 
ciod  a  tha  iad  a'  deanam.h  ris  an  iiine  a 
tha  iad  a'  sabhaladh  ?  A'  bheil  a'  chabhag 
a  tha  air  daoine  anns  na  laithean  so  a' 
milleadh  am  faidhidinn,  aon  de  na  buadhna 
as  taitniche  agus  as  feumaile  ann  an  nadur 
mhic  an  duine  ? 

Ann  an  laithean  m'oige,  ged  nach  robh 
faidhidinn  air  a  theagasg  dhuinn  anns  an 
sgoil,  no  anns  an  eaglais,  no  anns  an  sgoil- 
Shabaid,  (cha  b'fhiach  le  ministearan  agus 
maighstirean-sgoile  bruidhinn  ruinn  mu  rud 
beag  cumanta  m.ar  tha  faidhidinn)  bha 
luchd-teagaisg  eile  againn  o'n  d'ionnsaich 
sinn  an  leasan  so.  Dh'ionnsaich  mise  e  ann 
am  dhachaidh  fhein  agus  o  bhataichean 
MhacBrayne.  Chan  fhaca  mi  m'  athair 
riamh  a'  dol  ann  an  ireabais  ;  bha  e  'na 
dhuine  cho  reidh  's  nach  cuireadh  rud  air  an 
t-saoghal  bharr  a  shiiiil  e,  agus  an  uair  a 
bhithinn  ag  obair  comhla  ris  'n  am  bhalach, 
agus  a  chitheadh  e  mi  a'  fas  cas,  no  usaideach, 
no  cabhagach,  theireadh  e  rium  ann  an  guth 
citiin,  "  Gabh  an  gnothuch  gu  reidh,  is  dean 
an  rud  ceart,"  facal  a  dh'fhan  'n  am  chluais 
uile  laithean  mo  bheatha,  agus  a  bhios  mi 
fhathast  a'  cluinntinn  'n  am  bhruadair  air  a' 
mheadhon-oidhche. 

Tuigidh  muinntir  nan  Eileanan  ciod  a  tha 
mi  a'  ciallachadh  le  bhi  ag  radh  gu'n  do 
theagaisg  bataichean  MhacBrayne  faidhidinn 
dhuinn,  agus  an  Dunara,  agus  an  Hebrides 
cuideachd.  Faodaidh  bus  a  bhi  ceathramh 
na  h-uarach  air  dheireadh,  ach  air  uairean 
bhitheamaid  a'  feitheamh  riusan  fad  seach- 
duin.  Dh'fhaodadh  an  Ditic,  no  am  baillidh, 
no  am  ministear  a  radh  ' '  Tha  cabhag  orm 
is  feumaidh  mi  falbh  am  maireach,"  ach  bha 
e  an  comas  na  gaoithe  agus  nam  bataichean 
a  radh  riutha,  "  Fanaidh  sibh  ruinne." 
Gaoth  agus  ceo  agus  fairge,  sin  an  trianaid 
d'am  bi  e  daonnan  comasach  clarm-daoine 
a  chumail  iriosal  agus  faidhidinn  a  theagasg 
dhaibh. 


Aireamh  7 


1949 


Gabh  mo  ghuth 


Ann  am  meadhon  na  h-eaglais  seinnidli  mi  cliu  dhuit. — 'Eabh  ii,  12. 


ANN  an  Glaschu  bho  chionn  tri  bliadhna 
chuala  mi  nighean  6g,  Eilidh  Nic  'Ille  Mhaoil, 
a'  seinn  an  drain,  "Taobh  Loch  Eite,"  agus 
an  uair  a  bha  i  'ga  sheinn  thainig  an  smuain 
'n  am  inntinn  gu'm  bithinn  'n  am  dhuine 
sona  na'n  rachadh  agam  air  an  t-soisgeul  a 
shearmonachadh  cho  maith  's  a  b'aithne 
dhise  seinn.  Tha  an  soisgeul  cho  aoibhneach 
's  gu'm  bu  choir  dha  cridheachan  dhaoine  a 
thogail  agus  moladh  a  chur  'n  am  beul, 
ach  tha  sinne  'ga  shearmonachadh  cho  maol 
marbh  's  nach  dean  e  ach  daoine  a  chur  a 
chadal.  Nach  bu  mhatih  an  gnothuch,  ma 
ta,  na'n  robh  cothrom  air  a  thoirt  do'n 
chuid  sin  de  mhic  agus  de  nigheanan  a' 
chitiil  anns  an  eaglais,  aig  a  bheil  gaol  an 
t-soisgeU  'n  an  cridhe,  seirbhis  a  dheanamh 
do  Dhia  le'n  guth-cinn,  agus  an  soisgeul  a 
shearmonachadh  air  uairean  le  laoidhean  an 
aite  am  ministear  a  bhi  a'  sgitheachadh 
dhaoine  a  h-uile  Sabaid  le  argumaidean 
tioram  agus  seanchas  fuar  ;  anns  a  cheud 
aite,  anns  an  dara  aite,  anns  an  treas  aite, 
anns  an  aite  mu  dheireadh,  agus  a  nis  aon 
fhacal  anns  a'  chomJi-dhunadh!  Bha  e  air 
a  rMh  gu'n  robh  seinn  Shankey  'n  a 
mheadhon  air  uiread  dhaoine  iompachadh 
's  a  bha  searmonachadh  Mhoody. 

An  uair  a  chuimhicheas  mi  air  na  tha  againn 
de  laoidhean  druidhteach  agus  maiseach 
anns  a  bheil  smior  an  t-soisgeil  agus  na 
diadhaidheachd,  a  dh'  fhaodadh  labhairt 
ri  cridheachan  dhaoine  na'n  robh  iad  air  an 
seinn  anns  an  eaglais,  chan  ann  le  coisir- 
chiiiil  ach  le  aon  ghuth,  neach  air  choreigin 
a  bha  a  ghuth  coisrigte  do  Dhia  mar  bha 
guth  Shankey,  bidh  e  a'  tighinn  a  steach  orm 
gu  bheil  sinn  a'  leigeil  leis  na  gibhtean  a  tha 
aig  seinneadairean  maithe  dol  a  dholaidh  ann 
an  seirbhis  rioghachd  Dhe.  Chan  'eil 
tiodhlac  no  t^lann  air  bith  againn  ach 
tiodhlac  is  talann  a  thug  Dia  dhuinn  ;  is. 
esan  a  thug  dhuit  do  ghuth -cinn  mar  thug 
e  sgoilearachd  no  ealain  air  riaghladh  do 
neach  eile,  agus  is  e  am  feum  as  uaisle  as 
urrainn  dhuit  a  dheanamh  gu  brath  le  d' 
ghuth  an  Tighearn  a  mholadh  'n  a  thigh 
fein. 


Gabh  mo  ghuth  is  seinnidh  mi, 

A  mhain,  an  cdmhnuidh  do  mo  Righ  ; 

Gabh  is  coisrig  fds  mo  bheul, 

'S  lion  le  iomradh  air  do  sgeul. 

Bha  an  laoidh  Bheurla  so  air  a  beannach- 
adh  do  mhoran,  ach  ged  nach  'eil  i  idir  cho 
maith  an  Gaidhlig  's  a  tha  i  am  Beurla, 
bu  mhaith  leam  rud  no  dha  innseadh  air  an 
duilleig  so  a  chunnaic  no  chuala  mi  mu'n 
doigh  anns  an  robh  i  air  a  h-uisneachadh  le 
Dia  ann  an  tearnadh  anamanna. 

Bha  i  air  a  deanamh  le  Frances  Ridley 
Havergal,  nighean  ministeir  Sasunnach,  uair 
a  chaidh  i  a  dh'  fhuireach  beagan  laithean 
comhla  ri  cairdean.  Bha  aon  diirachd  agus 
aon  iirnuigh  'n  a  cridhe,  gu'm  biodh  da 
nighean  an  tighe  air  an  iompachadh  m'am 
fagaidh  i  an  tigh.  Thug  Dia  dhi  a  guidhe 
m'an  d'fhalbh  i,  agus  an  oidhche  mu  dheir- 
eadh a  bha  iad  comhla,  agus  a  dh'innis  iad 
dhi  gu'n  robh  iad  'g  an  tabhairt  fhein  do 
Chriosd,  bha  i  cho  sona  an  deidh  dhi  dol 
a  laighe  's  nach  b 'urrainn  i  cadal,  is  chuir  i 
seachad  an  oidhche  a'  moladh  an  Tighearna, 
a  fhreagair  a  h-tirnuigh,  agus  a'  deanamh  na 
laoidh  so, 

Gabh  mo  bheatha  's  bitheadh  i 
Coisrighte  dhuit  fein,  a  Righ, 
Biodh  gach  tiota  is  gach  la 
Sruthadh  dhuit  le  cliu  a  ghnath. 

Gabh  mo  lamhan  's  biodh  an  saothW 
Treun  dhuit  fein  trid-  ceart  mo  ghaoil; 
Dean  mo  chosaibh,  0  a  Dhe, 
Maiseach  agus  luath  dhuit  f6in. 

Gabh  ri  m'dr  's  ri  m'airgiod,  Dhe, 
Feoirling  dheth  cha  ghleidh  mi  fein  ; 
Gabh  mo  bhuadhan  's  cuir  gu  buil, 
Chum  do  ghlor  's  a  reir  do  thoil. 

Ead.  le  T.  E.  Mac  Coinnich. 

Tha  an  laoidh  so  gu  trie  air  a  seinn  an 
uair  a  tha  luchd-eomanachaidh  oga  air  an 
gabhail  a  stench  dp 'n  eaglais,  no  tha  daoine 
a'  deanamh  coisrigeadh  follaiseach  orra 
fhein  aig  coinneamhan  soisgeulach.  Ach  is 
laoidh  i  nach  bu  choir  do  dhaoine  a  ghabhail 


GABH  MO  GHUTH 


gu  h-aotrum  no  gu  b-iollagach  air  am 
bilean,  oir  is  rud  soluimte  e  gu'n  abradh 
neach  ann  an  lathair  an  Ti  a  tha  Uile- 
fhiosrach  agus  Uile-leirsinneach  gu  bheil  e 
a'  liubhairt  thairis  dha  gu  toileach  na  tha 
aige  anns  an  t-saoghal ;  a  bheatha  's  a 
mhaoin  ;  a  lamhan  's  a  cbasan  's  a  ghuth  ; 
a  thoil  agus  a  ghniomh  ;  a'  tilgeadh  'ion- 
mtiais  uile  aig  casan  Chriosd,  gun  fheoirling 
a  ghleidheadh  dha  fhein.  Ocb,  och,  mur 
biodh  Dia  comasach  air  miorbhuilean  grais 
a  dheanamh  annainn,  agus  a  thuilleadh  air 
miorbhuilean  grais,  mur  biodh  fhaidhidinn 
cho  domhain  ris  a'  chuan,  ciod  an  dochas  a 
bhiodh  againn  ?  Cuiridh  is  uisgichidh  sinne, 
ach  is  e  Dia  a  bheir  am  fas.  Tha  an  coisrig- 
eadh  a  tha  sinne  a'  deanamh  oirnn  fhein  a' 
toiseachadh  le  anail  an  Spioraid  'n  ar  toil, 
ach  coinnichidh  Dia  gluasad  ar  toile  is 
coisrigidh  e  i,  agus  is  e  an  coisrigeadh  a  ni 
esan  a  naomhaicheas  an  t-anam. 

Fasan  nan  campaichean 

Anns  na  laithean  so,  an  iomadh  aits,  tha 
daoine  oga  a'  cruinneachadh  comhla  ann  an 
campaichean  anns  an  t-samhradh,  fo  chom- 
annd  cheannardan  a  bhios  'g  an  cumail  air 
ghluasad  fad  an  latha,  a'  cluich  no  a'  siubhal 
mhonaidhean,  no  a'  deanamh  rud  air  bith 
eile  a  tha  maith  d'an  slainte,  ach  a  bhios 
'g  an  gairm  gu  aoradh  is  iirnuigh  anns  na 
feasgair,  agus  a'  gleidheadh  coinneamhan 
soisgeulach  air  feasgair  shonruichte.  Tha  an 
cleachdadh  no  am  fasan  so  air  sgaoileadh 
air  feadh  na  h-E6rpa  uile  ;  gheibh  thu 
campaichean  nan  daoine  bochda  ri  taobh  a' 
chladaich  ann  am  Breatunn,  'g  an  cumail 
fhein  blath  agus  'g  an  deanamh  fhein  ruadh 
leis  a'  ghrein,  agus  campaichean  dhaoine 
beartach  air  na  beanntan  geala  ann  an 
Switzerland  anns  a'  gheamhradh,  'g  an 
cumail  fhein  blath  le  biadh  maith  is  gu 
leor  dheth,  agus  le  bhi  a'  streap  air  stallachan 
deigh. 

Tha  Buidheann  Oxford  gaolach  air  a 
bhi  dol  do  Switzerland,  a'  eur  suas  ann  an 
6sd-thighean  riomhach  is  soghail,  agus  ged 
nach  saoileadh  tu  e,  tha  iad  gaolach  air  an 
laoidh  so,  is  bidh  i  aca  gle  thric  aig  coinn- 
eamhan soisgeulach  an  fheasgair. 

Bha  nighean  6g  ann  am  fear  de  na  cam- 
paichean a  thuirt  ris  a'  Cheannard  aon 
mhaduinn,  "  Ged  tha  mise  'n  'ur  measg  agus 
a  bhios  mi  dol  a  steach  do'n  t-seomar  anns 
am  bi  daoine  a'  toirt  am  fianuis  no  an  aidmheil 
gu'n  do  shaor  Criosd  iad,  chan  'eil  mi  a' 
creidsinn  gu  bheil  e  ceart  do  dhuine  air  bith 


sin  a  radh,  no  bhi  cinnteach  anns  an  t- 
saoghal  so  cia  dhiubh  a  tha  no  nach  'eil  e  air 
a  shaoradh."  Reusanaich  e  rithe  fad  uair 
an  uaireadair,  a'  toirt  sgriobtuir  an  deidh 
sgriobtuir  dhi,  ach  bha  i  maith  air  argumaid- 
eachadh  agus  laidir  'n  a  beachd,  is  chunnaic 
6  gu'n  robh  e  cho  maith  dha  sgur  agus 
leigeil  leatha.  Mar  sin  thuirt  e  rithe,  "  Chan 
e  cion  soluis  no  cion  tuigse  a  tha  ort  ach 
cion  toile  ;  chomhairlichinn  dhuit  fantuinn 
'n  ad  sheomar  fad  an  latha,  dol  air  do 
ghluinean  agus  a  radh  gu  h-onorach  ri  Dia 
nach  'eil  thu  air  son  gnothuch  a  bhi  agad  ris 
'n  ad  bheatha." 

An  oidhche  sin  bha  i  anns  a'  choinneamh 
mar  b'abhaist,  agus  b'e  an  laoidh  leis  an  do 
chriochnaich  iad, 

Gabh  mo  bheatha  's  bitheadh  i 
Coisrigte  dhuit  fein,  a  Righ. 

An  ath  latha  chaidh  i  far  an  robh  e  is 
thuirt  i  ris,  "  An  raoir  dh'fhan  mi  'n  am 
thosd  an  uair  a  bha  an  laoidh  mu  dheireadh 
'g  a  seinn,  ach  an  deidh  dhomh  dol  a  laighe 
threig  mo  chadal  mi,  agus  ged  bha  mi 
suidhichte  gu'n  abrainn  ri  Dia  nach  robh 
mi  air  son  mi  fhein  a  choisrigeadh  dha  gu 
h-iomlan,  cha  b'urrainn  mi  a  dheanamh. 
Cha  do  dhtiin  mo  shilil  fad  na  h-oidhche, 
ach  thainig  mi  a  nis  a  dh'innseadh  dhuibh 
gu'n  do  chuir  Criosd  fein  an  gnothuch  an 
dara  taobh  dhomh  mar  nach  robh  lamh 
agam-sa  ann  idir.  Aig  sia  uairean  's  a' 
mhaduinn  thainig  e  chugam  gun  fhios  agam 
ciamar. 

Dh'iarr  e  oirre  dol  air  a  gluinean  ri  thaobh 
agus  rann  as  deidh  roinn  de'n  laoidh  nach 
seinneadh  i  an  raoir  aithris  as  a  dheidh. 
Rinn  i  sin,  agus  an  uair  a  rainig  i  na  facail 
mu  dheireadh, 

Gabh  mi  feir!  is  bithidh  mi 

Gu  h-iomlan,  siorruidh,  dhuitse,  Righ, 

thuirt  e  rithe,  "  Am  biodh  tu  toileach  seasamh 
anns  a'  choinneamh  an  nochd  agus  an 
laoidh  so  a  sheinn  leat  fhein  ?  "  "  Bhith- 
eadh,"  ars  ise  ;  "  seinnidh  mi  a  h-uile  facal 
dhi  gu  toUeach." 

Eadar  gu'n  robh  fhios  aig  each  air  na 
beachdan  a  bha  aice  roimh  sud,  agus  gu'n 
robh  i  'n  a  seinneadair  barraichte,  agus  gu'n 
do  chuir  i  a  cridhe  uile  anns  na  boidean  a 
bha  i  ag  iocadh  do  Dhia,  dhriiidh  an  laoidh 
air  a'  chuideachd  uile  le  soluimteachd 
naomh  nach  trie  a  gheibhear  ann  an  searmon. 


Anns  a'  Chathair 


GU  de  a'  Ghaidhlig  a  tha  air  Fundamentalist  ? 

Tha  mi  an  duil  gu'n  do  sgriobh  mi  uiread 
Gaidhlig  ri  duine  eile  a  tha  an  diugh  beo, 
ach  tha  mi  fhathast  mar  bha  am  balach- 
sgoile  d'an  d'fhaighnich  brathair-athair,  "  A 
bheil  Fraingeis  agad  ?  "  "  Tha,"  ars  esan, 
"  ach  chan  'eil  i  uile  agam." 

Cha  bhiodh  feum  ann  dhomh  sealltainn  ann 
am  Foclair,  ged  tha  aon  no  dha  dhiubh  aig 
mo  laimh.  Gun  teagamh  tha  am  Foclair 
Gaidhlig-Beurla  feumail,  ach  chan  fhaigh 
thu  moran  cuideachaidh  anns  an  leth  eile, 
Beurla- Gaidhlig,  agus  is  maith  a  dh'eireas 
duit  mur  cuir  e  air  seachran  thu. 

Gheibh  thu  "  fundament  "  agus  "  funda- 
mental "  anns  an  Fhoclair,  agus  deagh 
Ghaidhlig  air  a  chur  orra,  ach  chan  fhaigh 
thu  "fundamentalist"  ann.  Tha  sluagh 
foghainteach  na  Bevirla  a  cuineadh  fhacal 
lira  gun  sgur,  agus  mar  sin  'g  an  deanamh 
fhein  agus  an  cainnt  na's  foghaintiche  agus 
na's  cumhachdaiche.  A  cheart  cho  luath 
's  a  thoisich  connsachadh  laidir  anns  an 
eaglais  Chriosduidh  eadar  na  daoine  a  bha 
air  son  seasamh  gu  daingean  air  na  seana 
bhunaitean  gun  charachadh,  gu  sonruichte 
a  thaobh  neo-mhearachdas  a'  Bhiobuill, 
chan  e  mhain  ann  am  firinn  a  theagaisg  ach 
anns  a  h-uile  facal  no  lide  dheth,  agus 
daoine  eile  a  tha  gabhail  ris  an  eolas  ur 
agus  an  teagasg  a  tha  diadhairean  agus 
sgoilearan  a'  toirt  dhuinn  mu'n  Bhiobull,  an 
doigh  anns  an  robh  e  air  a  chur  ri  cbeile, 
na  daoine  a  bha  lamh  aca  ann,  agus  ciod 
a  bha  's  an  amharc  aca,  bha  na  h-ainmean 
"  Fundamentalist  "  agus  "  Higher  Critic  " 
air  an  tilgeadh  air  each  a  cheile  mar  inisg. 
Bha  an  connsachadh  gu  maith  na  bu  teotha 
an  America  na  bha  e  riamh  anns  an  diithaich 
so,  agus  ma's  maith  mo  chuimhne  bha  e  air  a 
thoirmeasg  ann  an  te  de  na  Staidean  Darwin 
no  a  theagasg  a  bhi  uiread  agus  air  an 
ainmeachadh  anns  na  sgoilean  air  eagal 
gu'm  biodh  sin  cunnartach  do'n  Bhiobull. 

Aig  aon  km.  bha  sinn  uile  'n  ar  Funda- 
mentalists, agus  theagamh  gu  bheil  a'chiiid 
mhor  againn  'n  am  Fundamentalists  fhathast, 
ach  cha  dean  sin  cron  sam  bith  dhuinn  mur 
bheil  e  a'  toirt  oilbheum  d'ar  n-inntinn 
fhein,  no  a'  breugnaehadh  nithean  eile  a 
tha  sinn  a'  creidsinn.  Ma  tha  thu  an  duil 
nach  urrainn  dhuit  creidsinn  anns  a'  Bhiobull 
mur  creid  thu  gu'n  do  rainig  Metusaleh  naoi 
ceud  agus  tri  fichead  agus  naoi  bliadhna  a 
dh'aois,  agus  gu'n  robh  e  a'  gineamhuinn 
cloinne  gus  an  robh  e  ceudan  bliadhna,  cha 
dean  e  cron  air  bith  ort  sin  a  chreidsinn, 


ma  theid  agad  air  a  dheanamh ;  ach 
cuimhnich  nach  'eil  gnothuch  agad  a  bhi  a' 
cur  as  leth  dhaoine  eile  nach  'eil  iad  a' 
creidsinn  anns  a'  Bhiobull  a  chionn  nach  'eil 
iad  a'  gabhail  aois  Mhetusaleh  gu  litireil,  no 
fichead  rud  annasach  eile  nach  buin  do 
f Mr  inn  a'  Bhiobuill.  Bha  agus  tha  an  inntinn 
litireil  no  an  inntinn  laghail  'n  a  cnap- 
starra  anns  a'  bheatha  dhiadhaidh,  oir 
chan  'eil  doigh  as  miosa  air  a'  Bhiobull  a 
leughadh  na  bhi  'ga  leughadh  mar  a  leughas 
fear-lagha  Achd  Parlamaid,  gu  tioram  lagh- 
ail. Chan  e  mhain  nacJi  e  an  aon  ghne  a  tha 
anns  a'  Bhiobull  agus  ann  an  Achd  Parlamaid, 
ach  chan  e  an  aon  dath  a  tha  orra,  is  cha 
mho  is  ann  anns  an  aon  seorsa  cainnte  a 
tha  iad  a'  labhairt. 

Tha  mughadh  mor  eadar  am  Biobull  mar 
Litreachas  agus  mar  Sgriobtur.  Mar  Lit- 
reachas  fhein,  anns  a  bheil  eachdraidh 
fhior  agus  fhiachail  agus  rosg  is  bardachd  a 
tha  barraichte,  is  airidh  am  Biobull  air  an 
aite  agus  air  an  urram  as  airde  am  measg 
leabhraichean  eile  anns  an  t-saoghal.  Ach 
chan  urrainn  dhuinn  Sgriobtur  a  radh  ris 
mur  bheil  sinn  a'  creidsinn  ann  agus  a' 
gabhail  ris  mar  Fhacal  Dhe  a  tha  air  a 
dheachdadh  le  Spiorad  Dhe,  a  tha  tarbhach 
chum  teagaisg,  chum  oilein  ann  am  fireant- 
achd,  agus  a  tha  comasach  air  ar  deanamh 
glic  chum  slainte.  Is  e  am  Biobull  an 
Leabhar  no  na  Leabhraichean  Naomh  a 
thug  Dia  d'a  Israel  fein  no  d'a  Eaglais  fein  a 
chumail  beo  eolas  air  slighe  na  Beatha. 
Rinn  am  Biobull  sin  fad  tri  mile  bliadhna 
no'n  corr. 

Tha  an  Eaglais  a'  creidsinn  nach  d'fh^g 
Dia  clann-daoine  gun  Solus,  gun  Fhianuis  ; 
gu'n  deachaidh  e  's  an  eadraigin  ann  an 
eachdraidh  an  t-saoghil  a  thearnadh  dhaoine 
agus  gu'n  do  thachair  nithean  sonruichte 
ann  an  Tim  a  tha  a'  dearbhadh  rim-saoraidh 
Dhe.  Tha  e  ceart,  ma  ta,  gu'm  biodh 
eachdraidh  nan  nithean  sin  a  thachair,  no 
tha  daoine  a'  creidsinn  gu'n  do  thachair  iad, 
air  a  rannsachadh  a  m.ach  's  a  stigh,  feuch 
a  bheil  i  fior. 

Tha  sinn  uile  a'  creidsinn  gu  bheil  am 
Biobull  air  a  dheachadh  le  Dia  agus  gu 
bheil  e  neo-mhearachdach  a  thaobh  nadur 
Dhe  agus  ruintean  Dhe,  a  thaobh  na  beatha 
dhiadhaidh,  agus  a  thaobh  an  t-saoghail 
eile,  ach  c6  is  urrainn  a  radh  c'aite  a  bheil  a' 
chrioch  eadar  an  teagasg  spioradail  a  tha 
neo-mhearachdach  anns  a'  Bhiobull  agus  am 
meadhon  talmhaidh  agus  aimsireil  leis  an 
robh  an  teagasg  sin  air  a  chur  an  sgriobhadh  ; 


ANNS  A'  CHATHAIR 


CO  is  urrainn  crioch  a  tharruing  eadar  spiorad 
is  teagasg  a'  Bhiobuill  agus  litir  a'  Bhiobuill  ? 

An  uair  a  thoisicheas  daoine  air  facail  a 
chleacbdadh  mar  tha  spiorad,  firinn,  litir, 
fior,  deachdadh,  neo-mhearachdadh,  agus 
facail  eile  de'n  t-seorsa  sin  ;  facail  a  tha  an 
da  chuid  ur  agus  sean  ;  a  bhuineas  do  dha 
shaoghal,  agus  nach  'eil  a'  freagairt  air  na 
h-aon  nithean,  cha  mhor  nach  'eil  e  eucoma- 
sach  dhaibh  a  cheile  a  thuigsinn.  Bha  an 
diadhair  Origen  cho  foghluimte  agus  cho 
grunndail  agus  cho  gaolach  air  an  fhirinn 
ri  gin  de  luchd-ealain  an  latha  so,  ach  na'n 
robh  e  fhein  agus  Sir  Edward  Appleton  a' 
bruidhinn  mu'n  eachdraidh  a  tha  anns  a' 
Bhiobull  chan  e  an  aon  ni  a  bhiodh  iad  a' 
ciallachadh  leis  an  fhacal  Bheurla  accurate 
Cha  saoil  an  luchd-ealain  gu  bheil  rud  air 
bith  gun  mhearachd  ma  tha  e  fride  bheag 
o'n  phlumb,  ach  ged  bha  Origen  a 
teagasg  gu'n  robh  am  Biobull  air  a 
dheachdadh  le  Dia,  agus  a  theagasg  air 
a  thoirt  dhuinn  le  ughdarras  Dhe,  bhiodh 
e  ag  radh  cuideachd  nach  ann  anns  an  litir 
a  bha  ughdarras  a'  Bhiobuill  ri  fhaotainn 
ach  'na  theagasg.  "  Tha  uiread  de  rudan- 
beaga  anns  na  soisgeulan,"  tha  e  ag  radh, 
"  nach  'eil  a'  cordadh  ri  cheile  's  gu'n  ctiir 
iad  tuainealaich  'n  ad  cheann."  Ged  bha 
priomh  aithrichean  na  h-Eaglais  a'  creidsinn 
gu'n  robh  am  Biobull  air  a  dheachdadh  leis 
an  Spiorad  Naomh  cha  robh  cuid  dhiubh 
(co  dliiubh  a  chuid  as  eolaiche  mise  orra)  a' 
teagasg  gu  bheil  e  neo-mhearchdach  anns 
gacb  lide  is  facal,  gach  ainm  is  aite,  aois  is 
aireamb,  air  a  bheil  e  a'  tighmn  thairis. 
Is  ann  an  deidh  laimhe  a  fhuair  am  beachd 
sin  greim  air  inntinnean  dhaoine.  Bha  na 
seann  aithrichean  a'  toirt  cead  agus  saorsa 
dhaibh  fhein  am  Biobull  a  laimhseacbadh, 
chan  ann  mar  iodhol  ach  mar  leabhar 
diadhaidh  a  bha  air  a  sgriobhadh  le  daoine 
naomh  a  bha  air  an  seoladh  leis  an  Spiorad 
Naomh.  Chan  'eil  ann  an  Neo-mhearacbdas 
a'  Bniobuill,  mar  tha  e  air  a  thigsinn  agus 
air  a  theagasg  an  diugh  ach  teagasg  ur  ; 
is  tha  Fundamentalists  na  gineil  so  a'  cur 
cuing  air  na  creidmhich  nach  do  chuir  na 
linntean  a  bha  romhpa  orra. 

Tha  ceo  is  teagamh  is  seachran  air  a  chur 
ann  an  cinn  dhaoine  an  diugh,  chan  ann  a 
mhain  a  thaobh  a'  Bhiobuill  ach  a  thaobh 
fichead  is  ceud  rud  eile,  leis  a'  chuing  a  tba, 


Science  an  deidh  a  chur  air  na  h-eanchainean 
againn,  mar  nach  biodh  rud  air  bith  fior 
mur  bheil  e  "fior"  anns  an  doigh  anns 
a  bheil  Science  fhein  a'  tuigsinn  an  fhacail. 
Cuiridh  Science  as  an  rathad  na  naidheachdan 
a  leugbas  tu  ann  an  Genesis  mu  chruthachadh 
an  t-saoghail  mar  nach  robb  annta  ach 
sgeulaehdan  leanabail,  no  na's  miosa  air 
fad,  sgeulaehdan  hreugach,  ach  co  dhiubh 
cha  do  dhichuimbnich  Genesis  innseadh 
dhuinn  co  a'  chruthaich  an  saoghal.  '8 
an  toiseach  chruthaich  Dia  na  neamhan  a^us 
an  talamh. 

Bha  am  fear  nach  maireann,  H.  G.  Wells, 
gaolach  air  bruidbinn  an  ainm  Science ; 
sgriobb  e  leabhar  mor  tomadach  mu  each- 
draidh an  t-saoghail,  anns  nach  'eil  sgeul 
fbaoin  no  leanabail  ach  a  h-uile  ni  foghluimte 
agus  a  reir  an  Eolas  Uir,  ag  innseadh  mar  a 
thainig  an  cruthachadh  agus  an  saoghal 
agus  na  creutairean  gu  bith,  acb  ann  an 
innseadh  a  sgeoil  dhicbuimhnich  e  a  radh 
CO  a  chruthaich  na  neamhan  agus  an  talamh. 
An  abradh  tu  gu  bheil  eachdraidh  an  duine 
sin  na's  fire  na  eachdraidh  an  fhir  a  tha  ag 
innseadh  mar  a  mheall  an  nathair  Eubh  ? 

Chan  urrainn  dhuit  a  radh  gu  litireil,  gu 
soilleir,  agus  gu  neo-mbearachdach,  "  Ciod 
e  facal  an  Tighearna  ?  "  na's  mo  na's  urrainn 
dhuit  a  radh  gu  soilleir,  gu  litireil,  agus  gu 
neo-mhearachdach  "  Ciod  e  Dia  ?  "  Tha 
Facal  Dhe  'na  mhiorbhuil  agus  'na  dhiomh- 
aireachd,  agus  bitbidh  e  'na  mhiorbbuil  agus 
'na  dhiomhaireachd  gu  siorruidh  mar  tha 
Dia  fein.  Ach  ged  nach  cuairtich  sinn  le  ar 
reuson  no  ar  tuigse  bith  an  Uile-chumh- 
achdaicb  tha  sinn  a'  creidsinn  ann,  agus  tJia 
sinn  cinnteach  nach  'eil  leabhar  no  cainnt 
eile  fo'n  ghrein  a  labhras  no  db'fhoillsicheas 
ainm  Dhe  ach  am  Biobull.  Tha  an  da  rud 
diadhachd  agus  daonnachd,  a'  coinneacbadh 
ri  cheile  anns  a'  Bhiobull,  direach  mar  tha 
diadhachd  agus  daonnachd  a'  coinneacbadh 
ri  cheile  ann  am  pearsa  Chriosd,  ach  co  is 
urrainn  a  radh.  Is  ann  d'a  dhiadhachd  a 
bhuineas  so,  no  Is  ann  d'a  dhaonnachd  a 
bhuineas  sud  ? 

Bitbidh  am  Biobull  'n  a  aobbar-conns- 
achaidh  gu  deireadh  an  t-saoghail,  ach  a 
chionn  gu  bheil  Dia  agus  Criosd  ann,  agus 
am  fiosrachadh  a  bha  aig  daoine  naomh  air 
Dia  agus  air  Criosd  cha  chaill  e  a  chumhachd 
agus  'iigbdarras  gu  brath. 


Aig  an  t-Seanadh 


THA  fhios  agam  nach  'eil  mtighadh  air  bith 
an  aireamh  nam  ball  a  tha  cruinn  anns  an 
t-Seanadh  o  bbhadhna  gu  bliadhna,  ach  co 


dhiubh  a  b'aobhar  dha  gu'n  robh  an  aimsir 
cbo  maith,  no  gu  bheil  barrachd  bhoirionnach 
a'    dol    a    dh'ionnsuidh    an    t-Seanaidh    na 


AIG  AN  T-SEANADH 


b'abhaist,  tha  mi  an  dull  nach  fhaca  mi 
riamh  uiread  dhaoine,  a  muigh  "s  a  stigh, 
aig  Talla  Mor  an  t-Seanaidh  agus  aig  Eaglais 
Ard  St.  GHes. 

Leig  an  t-Ard  Urramach  Seumas  Mathers, 
M.P.,  agus  an  t-OUamh  Alasdair  DomhnuU- 
ach  dhiubh  an  dreuchd  agus  an  ughdarras, 
agus  rioghaich  Diuc  Ghloucester  agus  Ard 
Cheann  Collaiste  Muire  Naomh,  an  Cill 
Rimhinn,  Seoras  S.  Duncan,  'n  an  ^ite. 

Tha  aobhar  againn  a  bhi  mor  as  na  paip- 
earan-naidheachd  a  tha  againn  an  Albainn 
seach  na  luideagan  aig  Rothermere  agus 
Beaver  brook,  a  bhios  a'  boilich  gu  bheil 
muillean  no  da  m.huLllean  dhiubh  air  an  reic 
a  h-tiile  latha,  ach  nach  'eil  a'  gabhail  a 
bheag  de  shuim  do  dh'obair  Seanaidh  no 
Eaglais.  Chan  ann  mar  sin  a  tha  an  t- 
Alhannach  agus  Herald  Ghlaschu;  chan  e 
mhain  gu'n  do  rinn  iad  iomradh  fior  agus 
cothromach  air  na  bha  a'  tachairt  anns  an 
t-Seanadh  o  la  gu  la,  ach  bheireadh  iad  air  an 
luchd-leughaidh  a  thuigsinn  gu  bheil  greim 
laidir  aig  an  Eaglais  fhathast  air  an  dtithaich 
agus  air  an  t-sluagh,  ged  nach  'eil  daoine 
cho  gaolach  no  cho  dleasdanach  air  dol  do'n 
eaglais  's  a  bha  iad  aon  uair.  Ach  chan 
'eil  ann  an  dol  do'n  eaglais  ach  aon  de  na 
comharraidhean  leis  am  bi  daoine  a'  nochdadh 
gu  bheil  suim  aca  do  Dhia  agus  d'a  rioghachd 
air  thalamh. 

Bha  ionndrainn  am  bliadhna  air  an  dithis 
nach  maireann,  an  t-Ollamh  Seumas  T.  Cox 
agus  an  t-Ollamh  Louis  C.  Phillips,  dithis  a 
bha  suas  ri  gnothuichean  an  t-Seanaidh, 
agus  glic  is  eudmhor  ann  an  obair  na  h- 
eaglais.  Chuir  an  t-Ollamh  Cox  clach- 
chuimhne  os  a  chionn  fhein  leis  an  leabhar  a 
sgriobh  e  mu  "  Lagh  agus  Gnaths  "  na  h- 
eaglais,  leabhar  nach  deanadh  ministearan 
agus  seiseanan  agus  cleirean  feum  as 
eughmhais. 

Meudachd  na  h-eaglais 

An  uair  a  thig  foirbheach  o  choimhthional 
beag  air  an  diithaich  a  dh'ionnsuidh  an 
t-Seanaidh  air  son  na  ceud  uaire,  tha  mi 
cinnteach  gur  e  a'  cheud  rud  a  chuireas 
ionghnadh  air,  meudachd  na  h-eaglais,  agus 
an  greadhnachas  agus  an  statalachd  leis  a 
bheil  toil  agus  riaghailtean  an  t-Seanaidh 
air  an  cur  an  ceill.  'Na  choimhthional  beag 
fhein  tha  e  furasda  dha  a  bhi  saoilsinn  nach 
'eil  air  am  fagail  an  Albainn  de  phobull  an 
Tighearna  ach  e  fhein  agus  iarmad  beag  de 
sheann  daoine  ciuin  agus  iriosal  aig  nach 
'eil  inbhe  no  cumhachd  anns  an  tir.  Ach  an 
uair  a  theid  e  do  Dhtm-eideann,  agus  a 
chi  e  an  dximhlachd  sluaigh  a  bhios  a' 
cruinneachadh  ann  an  St.  Giles  a  dheanamh 


aoiraidh  do  Dhia  m'an  toisich  iad  air  obair 
an  t-Seanaidh,  daoine  de  gach  seorsa  an 
Albainn,  uaislean  is  islean,  bochd  is  beartach, 
scan  is  6g,  morairean  is  croitearan,  Probh- 
aistean  is  luchd-lagha,  maidsearan-airm  is 
maighstirean-sgoile,  feadhainn  ann  an  deise 
de  chlo  na  Hearadh  agus  feadliainn  eile  ann 
am  bian  leomhainn  air  an  sgeadachadh  cho 
riomhach  's  ged  b'ann  de  shagartachd 
Aaroin  iad  ;  agus  'na  dheidh  sin  a  theid  e 
do  Thalia  Mor  an  t-Seanaidh  agus  a  chluin- 
neas  e  da  mhile  guth  a'  seinn 

Athair  na  sith'  's  a  Dhe  na  seirc ! 

do  d'  neart  bheir  sinne  cliii ; 
An  neart  a  dhuisg  ar  n-  Aodhair  suas, 

le  buaidh  o  ghlais  na  h-uir. 
Le  d'  spiorad  seulaich  sinn,  a  Dhe, 

is  dean  sinn  iimh'l  do  d'  ihoil ; 
Chum  as  do  naomh-reachd  nach  bi  sinn 

air  seachran  truagh  a'  dol. 

— tha  mi  cinnteach  gu'm  fairich  e  nach  ann 
do  chuideachd  bheag  no  shuarach  a  bhuineas 
e  ach  do  chomh-fhlaitheachd  mhor  agus 
uasal,  eaglais  Chriosd  air  thalamh.  Thig  e 
steach  air  inntinn  nach  coigreach  no  fear- 
turuis  sgith  e  a  tha  a'  siubhal  gu  h-6nrachd- 
ach  leis  fhein,  ag  iarraidh  na  slighe  gu 
Sion,  ach  gu'm  buin  e  do  chuideachd  do- 
aireamh  de  shluagh  a  tha  ag  aideachadh 
Chriosd,  agus  a  tha  an  ainmean  sgriobhta 
's  na  neamhan. 

Aireamh  Israeli 

Eadar  ministearan  agus  foirbhich  bha  sia 
ceud  deug  agus  ceitliir  ar  fhichead  ball  anns 
an  t-Seanadh,  leth  mar  leth,  ach  tha  mi  an 
diiil  gu  bheil  e  ro  mhor.  Tha  an  talla  cho 
mor  's  gu'n  cuir  e  eagal  air  daoine  ditiid 
bruidhinn  ann  ;  cha  b'uilear  dhuit  guth  a 
bhi  agad  mar  gu'm  biodh  dtidach,  agus 
cliabh  mar  gu'm  biodb  mala  pioba.  Bu 
chaomhail  agus  bu  sheasgar  an  t-aite 
eaglais  an  Tolbooth,  anns  nach  tiochdadh 
an  dara  leth  de  bhuill  an  t-Seanaidh  an 
diugh,  agus  chan  'eil  uair  a  theid  mi  null 
far  a  bheil  Seanadb  na  h-Eaglais  Shaoir 
cruinn  nach  'eil  farmad  agam  riu  a  bhi 
coinneacbadh  ann  an  aite  beag  seasgar  far 
nach  ruig  iad  a  leas  glaodhach  gu  h-ard  no 
an  guth  a  thogail  mar  ghall-truimp.  Cha 
bu  mhisd  an  Seanadh  a  bhi  na  bu  lugha  ; 
ged  tha  Solamh  ag  radh  gu  bheil  tearuint- 
eachd  ann  an  lionmhoireachd  chomhairleach, 
bha  e  na  bu  ghlice  na  bhi  a'  ciallachadh  leis 
an  fhacal  sin  gu  bheil  a  dha  uiread  gliocais 
ann  an  sia  ceud  deug  duine  na  tha  ann  an 
ochd  ceud. 

Tha  2377  sgir  no  coimhthional  an  Eaglais 
na  h-Alba. 


6 


AIG  AN  T-SEANADH 


Tha  1,263,423  air  Rola  a'  chomanachaidh 
aice,  corr  agus  seachd  mile  na  bu  mhotha 
an  uiridh   na  anns  a'   bhliadhna  roimh  sin 

Tha  37,039  foirbheach  anns  an  eaglais. 

Bha  46,311  air  am  baisteadh  an  uiridh  ; 
dhiubh  sin  bha  3550  a  thainig  gu  aois. 

B'e  aireamh  na  cloinne  a  rugadh  an  1948 
an  Albainn  uile,  100,343  ;  dhiubh  sin  bha 
da  fhichead  's  a  dha  as  a'  cheud  air  am 
baisteadh  an  Eaglais  na  h-Alba. 

Bha  suas  ri  ochd  fichead  eaglais  gun 
mhinistear  aig  toiseach  na  bliadhna,  agus 
gun  againn  ach  tri  fichead  Probationer. 
Ach  thig  ceithir  fichead  oileanach  6g  a  mach 
as  na  Collaistean  am  bliadhna. 

B'e  tighinn-a-stigh  na  h-eaglais  uile  gu 
leir  an  uiridh  £1,658,793.  Dheth  so  bha 
£597,810  air  fhaotainn  o  na  coimhthionailean; 
£198,474  o  dhileaban  ;  £72,318  o  thabhart- 
asan  pearsanta  ;  £245,659  o  riadh  a  h- 
airgiod  ;  £409,309  o  airgiod  stiopain,  agus 
£135,223  a  tobraichean  eile.  Ma  chunntar 
a  h-uile  airgiod  a  chaidh  troimh  leabhraichean 
na  h-eaglais  chaidh  £2,755,000  tromhpa. 

Chaidh  aig  an  eaglais  am  bliadhna  air 
£415  agus  Manse  a  thoirt  do  na  ministearan 
as  miosa  a  tha  air  am.  paigheadh,  agus  tha 
dochas  aice  gu'n  teid  aice  air  £480  a  thoirt 
dhaibh  an  ath  bhliadhna. 

'S  e  am  paigheadh  a  tha  aig  missionaraidh 
air  a'  Ghalldachd  no  anns  a'  Ghaidhealtachd 
da  cheud  gu  leth  agus  tigh,  no  deich  notaich- 
ean  fichead  a  bharrachd  mur  bheil  tigh  air 
a  thoirt  dha. 

Obair  na  h-eaglais 

Bha  uiread  ghnothuichean  air  beulaibh  an 
t-Seanaidh  's  nach  urrainnear  an  ainmeach- 
adh  air  leth  air  an  duilleig  so.  Bha  iomjadh 
air  a  dheanamh  air  obair  na  h-eaglais  air 
iomadh  raon  ;  aig  an  tigh,  anns  na  duthch- 
annan  thall  am  measg  nan  ludhach,  am  measg 
na  h-6igridh,  agus  an  iomadh  rud  eile  anns  a 
bheil  lamh  aice,  agus  bha  e  soUleir  o  na  coinn- 
eamhan  mora  a  bha  cruinn  anns  na  feasgair 
gu  bheil  eud  soisgeulach  Ijeo  anns  an  eaglais 


fhathast  a  dh'aindeoin  na  bhios  daoine  ag 
radh  mu  mharbhantachd  spioradail  na 
gineil  so. 

Mar  is  ^bhaist  ghabh  a'  Chommittee  ris 
an  abair  sinn  An  Eaglais  agus  an  Naisinn 
an  saoghal  fo'n  ceann,  o  Eirinn  gu  Amster- 
dam, agus  ghabh  iad  gnothuch  ris  a  h-uUe 
cuspair  air  am  b'urrainn  dhaibh  smuaineach- 
adh,  CO  dhiubh  a  bha  feum  air  sin  a  dheanamh 
no  nach  robh  ;  a'  cur  am  beachd  an  ceill  air 
moran  nithean  deacair  ann  am  briathran 
atmhor  ris  an  abrar  anns  a'  Bheurla  plati- 
tudes. Cha  bhiodh  e  na  chall  air  bith  do'n 
eaglais  na'n  robh  teadhair  laidir  chainbe 
air  a  chur  air  a'  Chomunn  fhiusanach  so, 
teadhair  a  chumadh  iad  o'n  corragan  a 
chur  ann  an  nithean  m'an  abradh  Pol  nach 
'eil  e  freagarrach  eadhon  an  ainmeachadh 
am  measg  dhaoine  narach. 

Govan  agus  Cleir  Ghlaschu 

Chan  fhaca  mi  riamh  Talla  Mor  an  t- 
Seanaidh  cho  Ian  's  a  bha  e  an  la  a  fhreagair 
an  Seanadh  a'  cheist  a  chuir  Cleir  Ghlaschu 
air  Ard-Chiiirt  na  h-eaglais,  an  robh  e  a  reir 
lagh  is  riaghaltean  na  h-eaglais  gu'm  biodh 
an  t-Ollamh  Seorsa  Mac  Leoid  air  a  shuidh- 
eachadh  ann  an  Govan. 

An  deidh  a'  chuis  a  bhi  air  a  deasbud  le 
luchd-lagha  b'e  binn  an  t-Seanaidh  nach 
robh  e  laghail  no  riaghailteach,  a  chionn 
gu'n  robh  e  ann  an  dreuchd  eile  an  taobh  a 
muigh  do'n  eaglais,  dreuchd  nach  'eil  fo 
ughdarras  na  h-eaglais,  ach  ris  nach  dealaich 
e. 

An  deidh  laimhe  bha  aireamh  bheag  de 
bhuill  an  t-Seanaidh  air  an  cur  air  leth 
feuch  an  rachadh  aca  fhein  agus  aig  an 
Ollamh  Mac  Leoid  air  cordadh  a  dheanamh 
eatorra  a  bheireadh  an  obair  a  tha  dol  air 
aghaidh  an  I  fo  sgiath  agus  fo  ughdarras 
na  h-eaglais. 

Aig  ceithir  fichead  's  a  h-aon  bha  an 
t-Ollamh  Iain  Whyte  cho  soilleir  's  a'  cheann 
's  a  bha  riamh,  agus  aig  ceithir  fichead  's  a 
h-aon  deug  bha  an  t-Ollamh  R.  J.  Drummond 
na  b'aotruime  air  a  chasan  na  cuid  de  na 
ministearan  oga. 


Maoim  agus  Eagal 

An  uiridh  thuirt  caraid  rium,  d'an  aithne 
Muile  gu  maith,  nach  biodh  e  furasda  dhaibh 
ann  an  J)earbhaig  ministear  fhaotainn  a 
chionn  gu'n  robh  cor  na  h-eaglais  cho  iosal  ; 
coimhthional  bochd  ;  eaglais  fhuar  agus 
fhalamh ;  am  Manse  a'  dol  sios  agus  gun  e  air 
sealltainn  as  a  dheidb.  Thainig  an  seanchas 
so   gu  m'inntinn   an  uair   a   chuala   mi   an 


Aig  an  Uinneig 


raoir  gu  bheil  an  t-Urramach  T>.  Inglis 
Cowan,  M.A.,  a  Hunndaidh,  ri  bhi  air  a 
shuidheachadh  gu  goirid  ann  an  Cill-Ninean 
agus  Cill  Mhoire  an  sgir  anns  a  bheil  Dearbh- 
aig.  Tha  am  Freasdal  fabharach  ri  muinntir 
Dhearbhaig  oir  chan  e  mhain  gu  bheil  Mghr 
Cowan  fhein  'na  mhinistear  maith,  ach  tha 
bean  laghach  ghniomhach  aige  a   chuireas 


AIG  AN  UINNEIG 


loinn  air  a  Mhanse,  agus  a  tha  suas  ri  ceann 
a  chur  an  obair  nam  Ban. 

Mu'n  am  so  an  uiridh,  bha  moran  bruidhne 
anns  an  Ard-Sheanadh,  agus  anns  na 
Cleirean,  agus  anns  na  paipearan-naidheachd 
mu  eaglaisean  anns  a'  Ghaidhealtachd  a  tha 
gun  mhinistear,  agus  ehuir  an  t- Ard-Sheanadh 
Commission  air  chois  a  rannsachadh  na 
cuise  so. 

Aeh  a  nis  tha  cdisean  'g  an  cur  fhein 
ceart  gu  reidh  samhach  gun  bhuidheachas 
do'n  Chommission  no  do  innleachd  iir,  oir  bha 
ministearan  air  an  suidheachadh  anns  na 
sgirean  so  o  chionn  bliadhna,  Cill  Chomain, 
Diura,  an  Apuinn,  Cill  an  Inbhir,  Giogha, 
Cill  Daltan,  Diibhras  is  Banath,  lonar- 
Aora,  Cill  Meanaidh,  Cill  Mhoire,  Cill  Mhar- 
tainn,  Cill-a-rubha  Manuis  is  Scarasta, 
Mealainis,  Steiseal,  Diuranais,  Tunga. 

Tha  sgirean  eile  mu  reir  fhathast  ach  ri 
tiine  gheibh  iad  ministear.  Tha  cuimhne 
agam  air  barrachd  a  bhi  ban  na  tha  ban  an 
diugh,  ach  chan  'eil  aobhar  air  a'  ghlaodh  a 
thogail  gu  bheil  a'  Ghaidhealtachd  a'  dol 
^  sios  no  aobhar  an  Tighearna  a'  seargadh  a 
chionn  nach  fhaigh  coimhthional  beag, 
biodach,  ministear  cho  luath  's  a  bu  mhaith 
leo. 

Ged  bu  mhaith  leinn  uile  ministear  dhaibh 
fhein  a  bhi  air  a  shuidheachadh  anns  a 
h-uile  eaglais  an  taobh  a'  stigh  de  shia 
miosan  chan  eirich  dosgainn  no  calldacdh 
mhor  dhaibh  ged  nach  bitheadh.  Tha  e 
furasda  dhaibh  posadh  is  baisteadh  is 
tiodhlachdadh  nam  marbh  fhaotainn  air  an 
deanamh  dhaibh  air  sheol  eile  ;  tha  Mghr 
Mac  an  Toisich  a'  cumail  shearmonaichean 
riu  air  an  t-Sabaid  o  Dhun-eideann,  agus 
ged  bhiodh  iad  air  uairean  gun  seirbhis  anns 
an  eaglais  aca  fhein  gheibheadh  iad  am 
beatha  air  a  dheanadh  dhaibh  anns  an 
Eaglais  Shaoir  air  na  Sabaidean  sin,  is 
bhiodh  e  maith  dhaibh  le  cheile  am  boidean 
iocadh  do  Dhia  comhla. 

0  Feuch,  cia  meud  am  maith  a  nis, 

cia  meud  an  tlachd  faraon, 
Braithrean  a  bhi  'nan  comhnuidh  ghn^th 

an  sith  's  an  ceangal  caoin. 

An  Commission 

Cha  robh  dad  ur  aig  a'  Chommission  ri 
radh  nach  cuala  sinn  fichead  uair  cheana 
mu  na  h-aobhair  a  tha  a'  graineachadh 
mhinistearan  air  falbh  as  a'  Ghaidhealtachd 
is  as  na  h-Eileanan,  air  chor  agus  nach  ruig 
mi  a  leas  tighinn  thairis  orra  air  an  duilleig 
so,  ach  is  e  na  bha  aca  ri  thairgsinn  de 
chomhairle  do'n  t-Seanadh  Superintendent  a 


bhi  air  a  chur  thairis  air  ministearan  Gaidh-, 
ealach,  rud  a  dh'fhaodadh  a  bhi  air  gabhail 
ris,  mur  b'e  gu'n  do  sheas  ministear  6g  a' 
Ghearasdain  gu  laidir  'na  aghaidh.  Bha 
maithean  a'  Chommission  suidhichte  air 
an  toil  fhein  fhaotainn,  ach  sheas  Mghr 
Mac  Ghill-eathain  a  larach  gu  duineil  agus 
gu  h-ealanta,  agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
thionndaidh  e  an  Seanadh  gu  bhi  air  a 
thaobh.  Tha  iomadh  latha  o  nach  fhaca 
mi  ministear  Gaidhealach  a'  bruidhinn  cho 
maith  ris  anns  an  t- Seanadh. 

Ma  tha  dad  cearr  air  a'  Ghaidhealtachd 
chan  e  nach  'eil  gu  leoir  de  Superintendents 
agus  de  Chommissions  a'  bruidhinn  umainn 
agus  a'  sealltainn  thairis  oirnn,  mar  gu'm 
biodh  sgaoth  de  lighichean  ri  taobh  na  leapa 
aig  neach  a  tha  an  anail  'ga  fhagaH,  agus 
cungaidh  ur  aca  'g  a  chomhairleachadh  dha 
a  h-uile  latha,  purgaidean  is  pileachan  a  tha 
iad  a'  deanamh  air  moine^,  no  feamainn,  no 
dealanach,  no  diatomite. 

Chan  'eil  a'  bheag  cearr  air  a'  Ghaidhealt- 
achd an  diugh  ach  rud  a  dh'fhaodadh  an 
sluagh  fhein  a  chur  ceart.  Cha  robh  iad 
riamh  cho  maith  air  an  doigh  's  a  tha  iad  ; 
chan  'eil  foirneart  no  eucoir  air  a  dheanamh 
orra.  Tha  am  fearann  agus  a'  mhuir  fodhpa, 
an  da  ni  anns  a  bheil  beartas,  agus  ma  tha 
stoc  nan  daoine  a'  dol  sios  is  ann  le'n  toil 
fhein  agus  le  comhairle  shuidhichte  a  tha 
sin  a'  tachairt.  'Se  an  t-atharrachadh  a 
b'fhearr  leinn  fhaicinn  air  a'  Ghaidhealtachd 
agus  gu  sonruichte  air  na  h-Eileanan,  croitean 
a  bhi  air  an  oibreachadh  na's  fhearr  na  tha 
iad. 

Cosdus  a  ghabhadh  seachnadh 

Ann  an  litir  phongail  a  sgriobh  e  a  dh' 
ionnsuidh  a'  phaipeir.  An  t-  Alhannach,  tha 
an  t-Urramach  Coinneach  MacRath,  fear 
de  mhinistearan  Steornabhaigh,  ag  innseadh 
mu  chosdus  iir  a  tha  an  Riaghaltas  a'  dol  a 
chur  air  an  diithaich,  le  bhi  a'  deanamh 
chaplains  de  mhinistearan  sonruichte  agus 
'g  am  phaidheadh  air  son  a  bhi  tadhall 
air  daoine  tinne  anns  na  h-Ospidail.  Tha 
Ospidal  aca  ann  an  Steornabhagb  ;  roimh 
so  bhiodh  uile  mhinistearan  a'  bhaile  a' 
tadhall  ann,  agus  a'  deanamh  an  dleasdanais 
sin  gun  phaidheadh,  ach  a  nis  tha  fear 
dhuibh  ri  bhi  air  a  chur  air  leth  air  son  na 
h-oibre  agus  air  a  phaidheadh.  Ach  chan  'eil 
so  a'  ciallachadh  nach  fhaod  ministear  air 
bith  dol  do'n  ospidal  a  dh'amharc  dhaoine 
tinne  as  a  choimhthional  aige  fhein. 

Tha  miltean  adh'  ospidail  bheaga  de'n  t- 
seorsa  so  ann  am  Breatunn,  agus  ged  nach 
bi  am  paidheadh  mor  thig  e  gu  suim  mhath 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


anns  a'  bhliadhna.  Theagamh  gu'n  do  rinn 
Mghr  Be  van  an  riaghailt  so  a  chionn  gu'n 
robh  eagal  air  gu'm  biodh  moran  a'  dol  do'n 
ospidal  aig  nach  robh  ministear  dhaibh 
fein  a  rachadh,  'g  an  amharc.  Ach  cha  toigh 
leis  na  Socialists  obair  gun  phaidheadh,  chan 
ann  a  chionn  gu  bheil  iad  na's  leisge  no  na's 
lugha  iochd  na  daoine  eile,  ach  a  chionn  gu 
bheil  e  'g  an  goirteachadh  mar  gu'm  biodh  an 
innean  a'  dol  am  beo  da  sheorsa  dhaoine  a 


bhi  ann,  daoine  a  ni  obair  gun  phaidheadh 
agus  daoine  nach  leig  an  crannchur  no  an 
toil  leo  sin  a  dheanamh. 

Anns  na  seann  laithean  bha  moran  a 
dh 'obair  na  rioghachd  air  a  deanamh  le 
uaislean  agus  daoine  mora  le?is  nach  b'fhiach 
paidheadh  a  ghabhail,  ach  tha  an  saoghal 
sin  a'  dol  as  an  t-sealladh  gu  grad,  agus  cha 
bhi  na  Socialists  toilichte  gus  an  teid  e  as 
an  t-sealladh  gu  tur. 


Laoidh 


3. 


A  Dhe  tha  ro-bheannaicht'  5. 

Nach  amhairc  thu  nuas 
Air  daoine  tha  ceannairceach, 
Aineolach,  truagh  ; 
Gun  eolas  no  aithn'  ac' 
Air  maise  an  Uain  ; 
Nis  dtiisg  iad  gu  h-aithghearr 
Is  gabh  riutha  truas. 

Nach  diiisgeadh  tu  sinne  6. 

Le  spiorad  nam  buadh, 
A  dusal  a'  chadail, 
'S  sinn  fada  'n  ar  suain, 
Fo  thaladh  is  mealladh 
Aig  peacadh  gach  uair, 
'G  ar  cumail  am  falach 
Air  maitheanas  buan. 

Tha  mis'  anns  a'  ghleannan  7. 

Fo  sgaile  nam  beann, 

Tha  corrach  is  casach 

Le  mais'  agus  loinn  ; 

Ach  's  duilich  bhi  'g  amharc 

A'  phobuill  's  am, 

Luchd-aidmheil  is  creideamh 

Ri  'm  faighinn  ro  ghann. 

Tha  feum  air  an  Spiorad  8. 

Bhi  sileadh  a  nuas, 

Toirt  iks  air  an  lili 

Le  cinneas  is  snuadh, 

Ag  tirachadh  cridhe 

Is  inntinn  an  t-sluaigh. 

Mar  Lebanon  maiseach 

'S  fhreumh  daingean  's  a'  bhruaieh. 


Tha  sluagh  anns  a'  ghleannan 
'S  chan  fhan  iad  fo  bhuaidh 
An  t-soisgeil  tha  beannaicht' 
'G  a  fhrasadh  mu'n  cluais  ; 
Gur  fhearr  leo  comhlan 
Nam  poitearan  truagh, 
Toirt  bas  air  an  anam 

'S  a  dhreach  orr'  's  a  thuar. 

Nach  laidir  na  bannan 
'S  nach  daingean  an  cord 
Tha  'g  aonadh  an  anam 
Ri  Criosd  mar  ihear-posd  ; 
Ged  sheideadh  an  doinnean 
Le  tuiltean  ro  mhor, 
Tha  bhunait  air  carraig 
Nach  caraich  ni's  mo. 

Tha  craobhan  's  a  choille 
Nach  mothaich  am  fuachd 
Ri  diidlachd  is  doinnean 
A  dh'fhanas  cho  uain, 
Toirt  diibhlan  do'n  Gheamhradh 
Is  srann  na  gaoith  tuath, 
Le  coslas  an  t-samhraidh 
Gach  am  orr'  le  snuadh. 

Tha  fianuisean  daonnan 
An  saoghal  na'n  searg 
"IVIar  gheall  am  Fear-saoraidh 
Bhiodh  eudmhor  m'a  ainm  ; 
Cha  gheill  iad,  's  cha  Itib  iad 
An  glim  do  ni-marbh 
Ach  losa  bhi  dhaibh  muirneach 
'S  e  dluth  riu  mar  dh'earb. 


'S  e  toradh  an  Spioraid 
Fad-fhulangas  's  gradh 
Caomhalachd,  creideamh, 
Is  maitheas  's  gach  pairt,    , 
Aoibhneas  is  sith, 
Bhi  'n  an  inntinn  gach  \k 
Gu  macanta  stuama 

'Na  dhtithchas  d'a  gn^ths. 

Donnachadh  MacAscaill,  Srdn-an-t-sithean. 


Aireamh  8 


1949 


Cuir  na  nithean  sin  'n  an  cuimhne 

Fasaibh  ann  an  gras  agus  ann  an  eolas  ar  Tighearna 
agus  ar  Slanuighir,  losa  Criosd. — ■//  Peadar,  in.  18. 


AN  uair  a  tha  daoine  oga  air  an  teagasg, 
m'an  suidh  iad  aig  bord  a'  Chomanaehaidh 
agus  air  an  gabhail  a  steach  mar  lan-bhuill 
anns  an  Eaglais,  tha  mi  an  diiil  gur  e  a' 
cheiid  fhacal  agus  am  facal  mu  dheireadh  a 
bu  choir  a  bhi  air  a  radh  riu,  nach  'eil  anns  a' 
cheum  so  ach  a'  cheud  cheum  anns  a'  bheatha 
dhiadhaidh,  agus  gu'm  feum  iad  cumail 
orra,  a'  sior  fhas  ann  an  eolas  agus  ann  an 
timhlachd  spioradail,  ma  bu  mhaith  leo  a 
bhi  air  an  tearnadh  agus  air  an  naomhachadh. 

Ge  b'e  bhuanaicheas  gus  a'  chrioch  is  e  so  a 

thearnar. 
Ma   bhuanaicheas  sibh   ann   am  fhocal-sa 

bidh   sibh   da  rireadh   'n'ur  deisciobuil 

agam. 
Buanaich  thusa   anns   na  nithean  a   dh' 

fhoghluim  thu. 
Bhuanaich    iad    gu    seasmhach    ann    an 

teagasg  nan  abstol. 

Is  maith  an  rud  gu'n  toisicheadh  duine  6g 
air  Criosd  a  leantuinn,  ach  tha  e  na's  fhearr 
gu'n  leanadh  e  air  fas  ann  an  eolas  air,  agus 
air  fas  anns  na  grasan  a  tha  companas 
Chriosd  a'  dusgadli  anns  an  anam.  Is 
iomadh  long  mhaith  a  chuir  gu  fairge  nach 
do  rainig  riamh  a  ceann-uidhe,  agus  is 
iomadh  Criosduidh  6g  gealltanach  a  thug 
thairis  agus  a  thuit  air  falbh  o  ehompanas 
Chriosd  agus  o  cho-chomunn  a  shluaigh  a 
chionn  gu'n  do  thoisich  e  air  dearmad  a 
dheanamh  air  na  meadhonan  a  bheathaicheas 
an  t-anam. 

Tha  moran  dhaoine  an  duil,  ma  bha 
faireachduin  no'  dearbhachd  shona  aca  aon 
uair  gu'n  robh  iad  air  an  saoradh  le  Criosd, 
gu'm  faod  iad  an  gnothuch  fhagail  mar  sin, 
agus  greimeachadh  ris  an  fhiosrachadh  sin 
uile  laitbean  am  beatha  mar  acair  an  anama, 
CO  dhiubh  a  tha  no  nach  'eil  iad  a'  dol  air  an 
aghaidh.  Ach  anns  a'  bheatha  spioradail 
chan  urrain  duine  seasamh  air  an  aon 
laraich  gun  ghluasad,  bliadhna  as  deidh 
bliadhna  ;  mur  bheil  e  a'  dol  air  aghaidh 
tha  e  a'  dol  air  ais  ;  mur  bheil  e  a'  fas  tha 
e  a'  seargadh,  agus  cha  tig  e  gu  brath  gu 
ire  duine  ann  an  Criosd.  Is  e  aon  de  na 
h-aobhair  gu  bheil  fianuis  na  h-eaglais  oho 


fann  anns  na  laithean  so  gu  bheil  uiread 
innte  de  Chriosduidhean  anabuich,  daoine 
nach  'eil  a'  fas  ann  an  gras,  no  ann  an  eolas 
Chriosd,  no  ann  an  tuigse  spioradail,  agus 
nach  do  chuir  aon  lamh-choille  ri  'n  airde 
fein  o'n  la  a  chreid  iad. 

Meadhonan  nan  gras 

Tha  daoine  a'  deanamh  diomhaireachd 
de'n  bheatha  dhiadhaidh  nach  ruig  iad  a 
leas  a  dheanamh,  mar  nach  b'ann  'nan 
comas  fhein  a  tha  e  idir  co  dhiubh  a  tha  iad 
a'  tighinn  air  an  aghaidh  no  a'  dol  air -an 
ais  ;  their  iad  gur  e  Dia  a  mhain  a  shaoras 
an  t-anam  ;  nach  'eil  cuid  no  pairt  againne 
ann  ach  tre  chreideamh  ann  an  iobairt 
Chriosd  ;  gu  bheil  a'  ghaoth  a'  seideadh  far 
an  aill  leatha  agus  an  Spiorad  Naomh  ag 
oibreachadh  gun  fhios  againn  ciamar  no 
c'uin  a  thig  e, — nithean  a  tha  uile  fior,  ach 
tha  e  a  cheart  cho  fior  nach  saor  Dia  t'anam 
mur  gabh  thu  an  t-aran  a  dh'ullaich  e  air 
do  shon,  no  mur  cleachd  thu  na  meadhonan- 
grais  a  thug  e  dhuinn  chum  gu'm  biodh  a' 
bheatha  dhiadhaidh  air  a  diisgadh  agus  air 
a  neartachadh  annainn. 

Chan  'eil  diomhaireachd  air  bith  mu  na 
meadhonan  sin  fhein,  oir  tha  fhios  aig  an 
t-saoghal  uile  nach  d'fhuaras  fhathast  doigh 
tir  no  innleachd  tir  air  cinneas  a  thoirt  air  a' 
bheatha  dhiadhaidh  anns  an  anam,  a  chionn 
nach  'eil  doigh  eile  ann  ach  an  t-seann  doigh 
a  b'aithne  do'n  eaglais  o  linn  nan  abstol, 
meadhonan  nan  gras  a  chleachdadh  le 
creideamh  'nan  eifeachd,  Facal  Dhe,  Urnuigh, 
Aoradh,  agus  Sacramaidean  na  h-eaglais. 
Chan  'eil  eifeachd  no  draoidheachd  ann  an 
gin  de  na  meadhonan  sin  annta  fhein  no 
leo  fhein ;  tha  iad  eifeachdach  a  chionn 
gu'n  do  shonraich  Dia  iad  gu  bhi  'nam  pioban 
grais  eadar  e  fhein  agus  anam  an  duine. 

"  Cleachd  agus  teagaisg  dhuit  fhein,"  arsa 
Pol  ri  Timoteus,  "  riaghailtean  na  beatha 
dhiadhaidh,"  comhairle  mhaith,  oir  bha 
fhios  aig  Pol  nach  ann  le  aran  a  mhain  a 
thig  duine  beo  ach  le  facal  Dhe,  agus  b'aithne 
dha  gu  leoir  de  dhaoine  a  bha  laidir  'n  am 
bodhaig  agus  'n  an  inntinn  ach  a  bha  air 
bheul  a  bhi  marbh   'n  an  anam  a  chionn 


CUIR  NA  NITHEAN  SIN  'N  AN  CUIMHNE 


gu'n  robh  iad  a'  deanamh  dearmad  air  an 
fhacal  sin,  daoine  a  bha  aon  uair'air  an  soill- 
seachadh  ach  a  chaill  an  solus  a  chionn  nach 
robh  iad  a'  beathachadh  an  anama  air  facal 
Dhe. 

Is  briathran  fior-ghlan  briathran  an  Tigh- 

earna  {An  Salmadair), 
Naomhaich  iad  troimh.  an  fhirinn  ;    is  e 

t'fhacal-sa  an  fhirinn  [Eoin). 
Theid  neamh  agus  talamh  thairis,  ach  cha 

teid  mo  bhriathran-sa  thairis  a  chaoidh  : 

{Criosd). 
Thiiirling  an  Spiorad  Naomh  orra-san  nile 

a  chual  am  facal :    (Peadar). 
Gabhadh  facal  Dhe   comhnuidh   annaibh 

gu  saoibhir  :    Pdl. 
Gabhaibh  le  macantas  ris  an  fhacal  a  tha 

comasach  air  'ur  n-anaman  a  thearnadh  : 

Seumas. 
Tha  facal  Dhe  beo  agus  cumhachdach,  a' 

toirt  breith   air  smuaintean  agus  rtiin- 

tean  a'  chridhe.     Duine  gun  ainm. 
Agadsa  tha  briathran  na  beatha  maireann- 

aich  :    Peadar. 
Labhair    an    Tighearna    .    .    .    eisdibh    ri 

fhacal :    Am  Biobull  uile. 

An  dileab  a  mhi-chaith  sinn 

'Se  an  call  as  miosa  a  thainig  air  Albainn 
o  chionn  ceud  bliadhna  gu'n  do  leig  sinn 
dhinn  a  bhi  a'  coimhead  la  an  Tighearna 
mar  latha  naomh,  latha foisneachail,  samhach, 
a  fhuair  sinn  mar  dhileab  o'r  n-aithrichean. 
Ach  cha  robh  am  meas  a  bu  choir  dhuinn  a 
bhi  againn  air  an  dileab  sin  agus  thilg  sinn 
bhuainn  gu  neo-shuimeil  an  aon  bhean- 
chuideachaidh  a  b'fhearr  a  bha  aig  an  eaglais 
agus  aig  rioghachd  Dhe,  oir  bha  samhchair 
na  Sabaid  agus  am  meas  a  bha  aig  daoine 
air  an  latha  naomh  'n  a  bharantas  gu'n  robh 
Dia  ann  an  cuid  d'an  smuaintean  co  dhiubh, 
agus  gu'n  robh  a'  chuid  bu  mhotha  de'n 
t-sluagh  a'  tighinn  fo  bhuaidh  meadhonan 
nan  gras,  a'  cluinntinn  facal  Dhe,  a'  deanamh 
urnuigh  comhla  ri'm  braithrean,  a'  deanamh 
aoraidh  do  Dhia,  agus  'gan  cur  fhein  ann 
an  suidheachadh  anns  am  faodadh  gras  Dhe 
oibreachadh  annta  fo  theagasg  fhacail  tre 
chleachdadh  na  h -urnuigh,  agus  tre  eifeachd 
nan  sacramaidean. 

Le  bhi  a'  mi-naomhachadh  la  an  Tighearna 
agus  a'  cur  na  Sabaid  gu  bull  eile  seach  an 


t-aobhar  air  son  an  d'thug  Dia  dhuinn  i, 
chaill  sinn  iomadh  rud  maith  ;  ach  is  e  an 
call  as  miosa  a  thainig  oirnn,  gu'n  do  chaill 
sinn  an  tomhas  mor  meadhonan  nan  gras. 
Ciod  am  maith  as  urrainn  an  eaglais  a 
dheanamh  do  dhaoine  nach  'eil  a'  frithealadh 
air  meadhonan  nan  gras,  no  ciamar  a 
shoirbhicheas  a'  bheatha  dhiadhaidh  anns  an 
anam  gun  aoradh,  gun  iirnuigh,  gun  eolas 
air  facal  Dhe,  no  iarraidh  air  co-chomunn  na 
h-eaglais  ?  Ach  tha  a  dhoighean  diom.hair 
fhein  aig  Dia,  agus  co  aige  tha  fhios  nach 
fhaic  sinn  fhathast  Albainn  cho  bochd  's  a 
tha  i  an  diugh  saibhir,  ach  an  uair  a  chailleas 
diithaich  a  reamhrachd  agus  a  saoghaltachd 
is  trie  leatha  tionndadh  ri  Dia. 

Re  nam  bliadhnachan  a  bha  mi  os  cionn 
coimhthionail  b'e  an  dorran  agus  an  duilichinn 
bu  mhotha  a  bha  'nam  chrannchur  a  bhi  a' 
faicinn  an  drasd  agus  a  rithist  cuid  de  na 
daoine  6g  a  bhaist  mi  agus  d'an  d'thug  mi 
an  ceud  chomanachadh  a'  tuiteam.  air  falbh 
o'n  eaglais.  Ach  gach  iiair  a  bha  sin  a' 
tachairt  b'e  an  t-aobhar  gu'n  do  rinn  iad 
dearmad  air  meadhonan  nan  gras,  an 
toiseach  a'  leigeil  dhiubh  a  bhi  ag  iirnuigh,  an 
sin  a'  leigeil  dhiubh  a  bhi  dol  do'n  eaglais  ach 
uair  annamh  no  air  Sabaid  comanachaidh, 
agus  mu  dheireadh  a'  treigsinn  co-chomunn 
nan  Criosdaidhean  gu  buileach,  agus  a' 
tionndadh  la  an  Tighearna  o  bhi  'n  a  la 
naomh  agus  buannachdail  d'an  anam  gu 
bhi  'n  a  la  cabhagach,  starumach,  buaireas- 
ach,  air  a  thoirt  thairis  do.bhaoth-shiigradh 
a  thoileachadh  na  feola.  An  uair  a  thachras 
sin,  agu,s  nach  eisd  iad  ri  guth  na  h-eaglais, 
feumaidh  na  foirbhich  an  dleasdanas  fhein  a 
dheanamh,  agus  an  ainmean  a  dhubhadh  a 
mach  a  Rolla  a'  Chomanachaidh.  Ach  ged 
nach  eisd  iad  ris  an  eaglais  co  aige  tha  fhios 
nach  eisd  iad  fhathast  ri  Dia. 

A  Dhe  ghrasmhor,  a  shaor  an  gaduiche  aig 
uair  a  bhais,  dean  trdcair  orrasan  a  hhlais  aon 
uair  an  twdhlac  neamhaidh,  agus  a  bha  fo 
bhuaidh  ffhacail  agus  fo  chumhachd  an 
t-saoghail  ri  teachd,  ach  a  thuit  air  falbh  o'n 
aidmheil  ghealltanach  a  rinn  iad ;  ath- 
nuadhaich  iad  gu  aithreachas  chum  agus  gu'n 
ioc  iad  am  bdidean  dhuit  as  iir,  agus  gu'n 
cluinneadh  iad  do  ghuth  ag  rkdh  riu,  Pillibh 
riumsa  a  chlann  chid-shleamhnach ;  leighisidh 
mise  bhur  cid-shleamhnachadh  agus  gradh- 
aichidh  mi  sibh  gu  saor. 


Anns  a'  Chathair 


GED  tha  barrachd  bruidhne  air  a  dheanamh 
mu  ghainne  mhinistearan  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd    na    tha    air    a    dheanamh    mu'n 


Ghalldachd  tha  iomgain  anns  an  eaglais 
gu'm  faod  e  tachairt  an  iiine  nach  'eil  fada 
bhuainn  nach  bi  ministearan  gu  leoir  aice  a 


ANNS  A'  CHATHAIR 


dheanamh  na  h-oibre  anns  a  bheil  lamh  aice 
air  a'  Ghalldachd  na's  mo.  Mar  sin  chuir  an 
Seanadh  Committee  air  chois  a  rannsachadh 
na  cuise  so,  agus  a  thoirt  comhairle  do'n 
eaglais  ciamar  a  ghabhas  am  feum  as  fhearr 
a  bhi  air  a  dheanamh  de'n  sgioba  aice. 

Cha  do  chribchnaich  a'  Chommittee  so  a 
h-obair  fhathast,  ach  chruinnich  i  fiosrachadh 
mu  obair  na  h-eaglais  agus  mu  aireamh  nan 
daoine  a  tha  'g  a  deanamh  as  maith  dhuinn 
fhios  a  bhi  againn  air. 

Ann  an  1939  bha  corr  is  da  cheiid  proba- 
tioner anns  an  eaglais,  ach  an  1947  cha  robh 
ann  ach  tri  fichead  's  a  deich,  agus  dhiubh 
sin  bha  coig  ar  fhichead  ri  obair  eile  nach 
leigeadh  leo  a  bhi  air  an  suidheachadh  os 
cionn  coimhthionail. 

Tha  mu  cheud  oileanach  a  tha  a'  crioch- 
nachadh  an  ciirsa  foghluim  a  dhith  air  an 
eaglais  a  h-uile  bliadhna,  ach  chan  'eil  an 
aireamh  sin  aice. 

Tha  aon  chleachdadh  againn  anns  na 
laithean  so  a  tha  a'  tarruing  air  falbh  o'n 
eaglais  cuid  mhaith  mhinistearan  a  b'abhaist 
a  bhi  thairis  air  coimhthional  ann  an  sgir, 
ach  a  tha  a  nis  ri  riaghlaireachd  ann  an 
dreuchdan  eile  anns  an  eaglais.  Aig  aon  am 
b'e  ministrealachd  an  Fhocail  ann  an  sgir 
an  aon  seorsa  ministrealachd  a  bha  againn, 
ach  an  diugh  tha  iomadh  seorsa  eile  anns  an 
eaglais  a  tha  air  an  cunntas  na's  feumaile 
agus  na's  cudthromaiche  na  searmonachadh. 
Tha  leth- cheud  ministear  air  falbh  leis  an 
arm,  feadhainn  eile  'n  an  cleirich  agus  'n  an 
riaghlairean  an  Tigh-Mor-nan-Uinneag  air  12 
Sraid  Sheorais,  an  Diin-eideann ;  agus 
feadhainn  eile  'n  am  Planners  no  'n  an  Cinn 
air  obair  no  iiisiinn  a  tha  dol  air  aghaidh  am 
measg  na  h-6igridh.  Uile  gu  leir  tha  suas 
ri  da  cheud  de  mhinistearan  na  h-eaglais 
nach  'eil  a'  searmonachadh  ach  a  tha  air  an 
ceangal  ri  dreuchdan  agus  riaghlaireachd  ris 
an  abramaid  aon  uair  "  frithealadh  do 
lihuird."  Cha  ghabh  so  seachnadh,  agus  ann 
an  tomhas  reusonta  tha  e  feumail,  ach 
faodaidh  tuilleadh  's  a  choir  dheth  a  bhi 
againn,  agus  faodaidh  an  eaglais  a  bhi  a' 
caitheamh  iiine  agus  saothair  agus  airgiod 
air  innleachdan  is  iiisltnn  gun  fheum.  Sin 
an  gearan  a  tha  aig  moran  dhaoine  an  diugh 
an  aghaidh  na  h-eaglais,  gu  bheil  i  mar  bha 
na  sgriobhaichean  agus  na  Phairisich  a  bha 
curamach  mu  nithean  beaga  ach  a  dhearmaid 
nithean  cudthromach  an  lagha  ;  gu  bheil  i 
a'  caitheamh  a  h-iiine  agus  a  saothair  air 
nithean  faoin  is  leanabail  anns  nach  'eil 
feum  no  toradh,  a  thoileachadh  oigridh 
luaineach  agus  gineil  as-creidmheach.  Thuirt 
Daibhidh  gu'n  robh  mic  Sheruiah  ro  chruaidh 
air  a  shon,  ach  na'n  robh  e  beo  an  diugh 


theireadh  e  gu  bheil  clann  Mhic  UisHnn  na's 
cruaidhe  agus  na's  duiliche  an  cumail  sios. 

Tog  suas  do  shuilean 

Ach  ma  tha  lamh  aig  an  eaglais  ann  an 
nithean  beaga  suarach  tha  lamh  aice  cuid- 
eachd  ann  an  nithean  mora  urramach,  gu 
sonraichte  ann  an  coimhlionadh  na  h-aithne 
a  thug  an  Tighearna  losa  Criosd  dhi. 
"  Imichibh  agus  deanaibh  deisciobuil  de 
gach  uile  chinneach." 

Le  bas  Ghandi  agus  leis  mar  chaidh  na 
h-Innsean  an  Ear  air  thigheadas  dhaibh 
fein,  thainig  atharrachadh  cho  mor  air  na 
h-Innsibh  's  gu'm  bi  iomadh  latha  m'am  bi 
fhios  againn  gu  ceart  ciamar  a  bhios  cor  na 
h-eaglais  Chriosdaidh  fo'n  riaghladh  ur. 
Ach  tha  deagh  dhochas  aig  na  Soisgeulaichean 
a  chaidh  a  null  o  na  h-eaglaisean  Prostanach 
gu'm  bi  saorsa  teagaisg  aca  mar  a  bha  aca 
riamh,  agus  nach  bi  cnap-starra  air  bith  air  a 
chur  romhpa.  Tha  e  na's  fhasa  bhi  suas 
ris  na  h-Hinduaich  na  bhi  suas  ris  na 
Mohamedanaich,  oir  tha  uiread  dhiathan 
aig  na  Hinduaich  's  nach  cuireadh  e  cam  par 
air  bith  orra  gabhail  ri  fear  no  dha  eile, 
ach  chan  fhuiling  na  Mohamedanaich  righ 
eile  air  a'  chrim  ach  Allah ;  Allah  agus 
Allah  a  mhain.  Tha  creideamh  Mhohamed 
cho  gaolach  air  e  fhein  a  sgaoileadh,  agus 
an  saoghal  uile  iompachadh  ris  a'  Chreideamh 
Chriosdaidh  fhein,  agus  ge  b'e  aite  an 
tachair  iad  air. a  cheile  tha  an  glaodh  air  a 
thogail,  Mahomet  no  Criosd.  Tha  duthchan- 
nan  anns  an  t-saoghal  a  bha  aon  uair  aig 
Criosd  a  nis  aig  Mahomet. 

Calcutta,  Kalimpong,  Darjeeling,  am 
Punjab,  Rajputana,  Poona,  Madras,  Ichang, 
Manchuria,  Livingstonia,  Lovedale,  Calabar, 
Blantyre — -sin  ainmean  a  tha  sgriobhte  air 
cridheachan  mhiltean  de  dhaoine  anns  an 
eaglais  aig  a  bheil  iiidh  ann  an  obair  shois- 
geulach  ;  daoine  a  tha  baigheil  agus  iialaidh 
ris  na  missions  uile  ach  aig  a  bheU  tiidh 
shonraichte  anns  an  aite  ud  no  anns  an  aite 
ud  eile  ;  Blantyre,  no  Rajputana,  no  Kalim- 
pong. B'aithne  dhomh  boireannach  laghach 
aig  nach  robh  dealbh  anns  an  tigh  ach  dealbh 
an  Ollaimh,  Iain  A.  Graham,  duine  nach 
fhaca  i  riamh,  agus  aig  nach  robh  seanachas 
eile  ach  naidheachdan  beaga  muladach  mu 
na  paisdean  truagh  ann  an  Kalimpong. 
Bha  a  dhealbh  air  mullach  an  dreasair  aice, 
agus  b'e  an  ceangal  a  bha  eatorra  gu'n  robh 
i  a'  toirt  tri  sgilleannan  a  h-uile  mios  do 
bhean  a'  mhinisteir  a  dhol  ann  am  bocsa 
Kalimpong.  Cha  robh  a'  bheag  de  sgillean- 
nan aice,  ach  fhuair  i  barrachd  sonais  agus 
barrachd  seanachais  as  an  fheadhainn  ud 
na  fhuair  i  a  rud  air  bith  eile  'n  a  beatha. 


AKNS  A'  CHATHAIR 


agus  ann  an  seagh  fior  bha  e  'n  a  bhann 
ghaolach  eadar  i  fhein  agus  Dia  agus  gach 
neach  eile  anns  an  sgir  aig  an  robh  urram 
is  gradh  d'a  Mhac. 

Tha  moran  bruidhne  anns  an  t-saoghal 
anns  na  bliadhnachan  so  mu  bhraithreachas, 
ach  chan  'eil  doigh  as  fhearr  air  toirt  air 
braithreachas  cinntinn  na  bhi  ag  obair 
comhla  ann  an  aobhar  a  tha  uasal  agus 
feumail  do  dhaoine  eile.  Agus  ciod  an  obair 
as  uaisle  no  as  feumaile  na  bhi  a'  toirt 
soisgeul  Chriosd  do  dhaoine  nach  cuala  e 
fhathast  ? 

Tha  na  daoine  a  tha  air  cheann  na  h-oibre 
so  oho  caomhnantach  air  airgiod  na  h-eaglais 
's  is  urrainn  iad,  ach  tha  cosdus  bidh  is 
aodaich,  cungaidhean  is  nithean  a  tha  a 
dhith  air  lighichean  ann  an  ospidal  air  dol 
suas  cho  mor  's  gu'm  feum  iad  am  bliadhna 
mu  choig  mile  deug  not  a  bharrachd  iarraidh 
air  an  eaglais  na  dh'iarr  iad  an  uiridh. 

Ann  an  1943  thug  coimhthionalan  na 
h-eaglais-  £120,175  a  chur  na  h-oibre  so 
air  aghaidh,  agus  boireannaich  na  h-eaglais 
£75,867.  A  thuUleadh  air  sin  bha  riadh 
an  airgid  a  tha  air  a  chur  mu  seach,  dileaban, 
agus  tabhartasan  mora  o  dhaoine  fialaidh. 
Uile  gu  leir  chuir  an  .eaglais  a  mach  air  an 
obair  so  £328,000  ann  an  1948. 

An  Leabhar  Mor 

Mar  tha  fhios  aig  ministearan  is  foirbhich 
tha  leabhar  mor  tiugh  air  a  chur  a  mach  a 
h-uile  bliadhna  m'an  teid  an  Seanadh 
cruinn,  agus  fear  dhiubh  air  a  thoirt  do'n 
t-se  ceud  deug  a  tha  'n  am  buill  anns  an 
t-Seanadh,  los  gu'm  bi  iad  eolach  air  a 
h-uile  ni  a  bha  air  a  dheanamh  leis  na 
Committees  air  a'  bhhadhna  a  chaidh 
seachad.  Am  bliadhna  tachraidh  na  facail 
Amsterdam  agus  Oecumenical  ort  gu  maith 
trie  anns  an  leabhar  so,  mar  gu'm  biodh 
piobar  no  salann  air  a  chrathadh  air  na 
duilleagan,  ach  chan  'eil  mi  a'  dol  a  radh 


dad  umpa  (1)  a  chionn  nach  'eil  mi  a'  tuig- 
sinn  ciod  a  tha  Amsterdam  a'  ciallachadh, 
(2)  a  chionn  gu  bheil  amharus  agam  nach 
'eil  ann  an  Oecumenical  ach  plathadh  de 
theine-sionnchain,  agus  ann  am  beagan 
bhliadhnachan  nach  bi  an  corr  iomraidh  orra, 
direach  mar  nach  bi  iomradh  air  "  Parlamaid 
Choitchionn  an  t-Saoghail,"  air  a  bheil 
daoine  an  diugh  a'  bruidhinn,  agus  (3)  a 
chionn  gu  bheil  na  leugh  ml  mu  Amsterdam 
agus  mu  Oecumenical  air  a  chur  ann  am 
Beurla  cho  neonach  agus  cho  ceothar  's 
nach  b 'urrainn  dhomh  a  chur  ann  an 
Gaidhlig.  Agus  rud  air  bith  nach  teid  agam 
air  a  chur  ann  an  Gaidhlig  cha  ruig  mi  a 
leas  dol  an  ireabais  uime,  oir  chan  'eil  fath 
cabhaig  ann. 

Ciod  a  tha  ann  an  Amsterdam  agus  ann  an 
Oecumenical  ach  gu  bheil  diadhairean  na 
h-Alba  "a'  ruith  na  cuthaig,"  agus  Albainn 
fhein  a'  tuiteam  air  falbh  o'n  Chreideamh, 
agus  a'  cruadhachadh  an  aghaidh  teach- 
daireachd  an  t-soisgeil  agus  cleachdanna  na 
diadhaidheachd. 

Tha  facal  eile  a  thachras  ort  a  h-uile 
bliadhna  anns  an  leabhar  so,  "  social  justice," 
ach  chan  fhaic  thu  e  uair  air  bith  air  a  radh, 
"  Ciod  e  social  justice  ?  "    Sin  an  gnothuch! 

A  bheil  so  fior  ?  Chan  'eil  urrainn  eile 
agam  air  a  shon  ach  gu'n  do  leugh  mi  e 
anns  an  leabhar  so,  gu'n  rachadh  aig  Comunn 
Gaidhealach  na  h-eaglais  air  oileanach 
fhaotainn  a  chuireadh  iad  anns  an  t-samhradh 
do'n  h-uile  aite-searmonachaidh  a  tha  aca 
anns  a'  Ghaidhealtachd,  ach  gu'n  robh  cuid 
de  na  h-aitean  sin  nach  gabhadh  ris  an 
oileanach  a  bha  air  a  thairgsinn  dhaibh,  an 
dara  cuid  a  chionn  nach  robh  tigh  ri  fhaotainn 
anns  am  fuiricheadh  e,  no  a  chionn  nach 
fhaigheadh  e  biadh  is  leaba  ann  an  tigh  air 
bith  air  na's  lugha  na  sia  notaichean  's  an 
t-seachduin. 

"  Agus  chuala  mi,  ach  cha  do  thuig  mi  : 
an  sin  thubhairt  mi,  0,  mo  thighearna,  cioji 
a'  chrioch  a  bhios  aig  na  nithean  so  ? 


Fo  Chraobh  Sheiidair 


AN  uair  a  shiubhail  Manus  Og  Maclomhair 
'na  ochd  bliadhna  deug,  cha  mhor  nach 
deachaidh  a  mhathair  as  a  ciall.  Ach 
chtim  Dia  a  reuson  rithe  a  chionn  nach  ann 
'na  h-eanchainn  a  bha  i  air  a  leon  ach  'na 
cridhe.  Tha  na  lotan  a  chuireas  teagamh 
no  as-creideamh  anns  an  eanchainn  na's 
cunnartaiche  agus  na's  marbhtaiche  na  na 
lotan  a  chuireas  ionndrainn-ghaoil    anns  a 


chridhe.    Tha  an  gaol  mar  tha  Dia  fhein. 

.    Ged  tha  ghairdean  treun  gu  sgrios, 
tha  e  cho  treun  'g  ar  dion. 

B'  aithne  dhomh  mathair  Mhanuis,  Eilidh 
Mhurragh,  o  bha  i  'na  caileig  anns  an  sgoil, 
agvis  chiim  sinn  suas  ar  dhliith-eolas  agus  ar 
cairdeas  an  deidh  dhi  posadh,  agus  gus  an 
do  chaochail  i.    Phos  i  gle  6g  ministear  ann 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


an  eaglais  nach  ruig  mi  a  leas  ainmeachadh  ; 
Fundamentalist  ma  bha  e  riamh  ann,  ach 
duine  laidir,  measail,  smachdail,  a  chumadh 
clann  Edoim  'n  an  aite  fbein,  agus  nach 
rachadh,  lend  na  roinneige  air  seachran  ann 
an  dealachadh  a  dheanamh  eadar  Ephraimich 
agus  Gileadaich. 

Chan  'eil  cuimhne  agam  a  bhi  riamh  anns 
an  tigh  aca,  ach  a  h-uile  bliadhna  a  bhithinn 
aig  an  t-Seanadh  an  Dim-eideann  bhiodh 
Eilidh  Murragh  a'  cur  luim  roimh  laimh  air 
tea-pearrti  a  bhi  aice  ann  an  osd-thigh,  aig 
an  robh  an  aon  chuideachd  gun  atharrachadh 
daonnan  cruinn ;  i  f hein  agus  an  duine ; 
triiiir  chaileagan  a  bha  comhla  rithe  ann  an 
Ard-sgoil  Seoras  Watson  agus  na  fir  a  phos 
iad  ;  te  de  na  ban-sgoilearan  a  bha  i  foidhpe, 
agus  mise.  Is  ann  aig  te  de  na  pearrtaidhean 
sin  a  chunnaic  mi  Manus,  balach  nach  robh 
aig  a  lan-fhas  aig  an  am  ach  air  an  robh  a 
choltas  a  bhi  'n  a  ghille  mor  gasda»le  fiamh- 
ghaire  'n  a  shtiilean  agus  sgail-choibhneis 
air  aodann  a  theoigh  mo  chridhe  ris. 

An  uair  a  chaidh  e  dhachaidh  as  an  sgoil 
an  Dim-eideann  agus  e  a'  dol  do'n  Oilthigh 
an  ath  October,  bha  e  a'  deanamh  rud- 
eigin  anns  a'  gharradh  le  wire  ribeach  a 
bha  meirgeach,  Cha  d'thug  e  an  aire  aig  an 
am  gu'n  do  ghearr  e  a  lamh,  agus  gu'n 
deachaidh  a'  mheirg  'n  a  fheoil.  Ann  am 
beagan  uine  bha  e  marbh. 

Dh'  fhaodadh  e  bhi  air  a  radh  mu  bhas 
Mhanuis  mar  thuirt  losephus  mu  bhas 
Shamueil  nach  robh  tigh  anns  an  eilean 
anns  an  robh  eaglais  athar  anns  nach  robh 
bron  mar  gu'm  buaileadh  am  bas  aig  an 
dorus  fhein.  A'  mhaduinn  a  chunnaic  mi 
an  sgeul  bhronach  anns  an  "  Albannach  " 
dh'fhas  an  latha  dorcha  mar  gu'm  biodh 
a'  ghrian  air  tuiteam  as  an  speur,  is  fad  an 
latha  cha  robh  dad  eile  'n  am  inntinn  ach 
mo  bhana-charaid  ghaolach  agus  an  cas 
anns  an  robh  i  le  bas  a  mic.  An  oidhche  sin 
fhein  sgriobh  mi  chuice,  ach  ged  bhithinn  a' 
cuimhneachadh  oirre  gle  thric  'n  a  dheidh 
sin,  agus  a'  cluinntinn  uairean  o  dhaoine 
eile  uimpe,  bha  e  dluth  air  bliadhna  m'an 
d'fhuair  mi  litir  bhuaipe  fhein.  Ach  'n  a 
dheidh  sin  bhiodh  i  a'  cur  chugam  an  drasd 
's  a  rithist  criomagan  a  bhiodh  i  a'  gearradh 
a  paipearan  naidheachd,  is  beachdan  drtddh- 
teach  no  neonach  a  bhiodh  i  a'  leughadh 
ann  an  leabhraichean,  is  smuaintean  a 
bhiodh  ag  eirigh  'na  h-inntinn  fhein  mu'n 
bhas,  mu'n  t-saoghal  eile  agus  mu  neamh  is 
ifreann.  Bha  e  furasda  gu  leor  fhaicinn 
nach  robh  a  nis  ach  aon  cheann-uidhe  aig  a 
smuaintean  uile,  'na  cadal  agus  'na  dusgadh — 
Manus,  agus  c'aite  an  robh  e,  agus  ciod  a 
bha  e  a'  deanamh. 


Na  leabhraichean  beaga 

Cha  robh  an  teaghlach  ud  ach  diombuan  ; 
tha  Eilidh  Murragh  agus  am  ministear 
laidir  smachdail  a  phos  i  a  nis  marbh,  agus 
chan  'eil  beo  d'a  cuideachd  ach  aon  phiuthar. 
Sine  Murragh,  a  tha  posda  aig  Vet  ann  an 
Sasunn.  Cha  robh  a  bheag  a  dh'  eolas  agamsa 
air  Sine  riamh,  ach  o  chionn  bhliadhnachan 
fhuair  mi  pasgan  leabhraichean  agus  an  litir 
so  'n  an  cois  : — ■ 

"  Ged  ^nach  aithne  dhuibh  mise  b'aithne 
dhuibh  mo  phiuthar,  Eilidh,  is  bhithinn  'g  a 
cluimitinn  air  uairean  a'  bruidhinn  umaibh. 
An  uair  a  shiubhail  i,  agus  a  thainig  e  or  rasa 
sealltainn  as  diidh  na  dh'fhag  i,  chuir  mi 
paipearan  is  litrichean  is  leabhraichean  beaga 
sgriobhaidh  ann  am  bocsa,  is  thug  mi  leam 
do  Shasunn  iad  a  chionn  nach  bu  toigh  leam 
an  losgadh,  agus  an  dicil  gn'n  leughainn  iad 
uaireigin.  Ach  tha  bliadhnachan  a  nis  air 
dol  seachad  gun  suil  a  bhi  air  a  thoirt  orra 
is  chuir  mi  romham  an  de  braidseal-teine  a 
dheanamh  air  na  litrichean  agus  air  na 
paiperan,  agus  an  leth-dusan  leabhar -sgriobh- 
aidh a  chur  chugaibh-se,  a  chionn  gur  sibh  an 
aon  duine  a  tha  air  ainmeachadh  annta  air 
ainm,  agus  a  chionn  gu  bheil  fhios  agam  nach 
dean  sibh  feum  cearr  dhiubh." 

B'e  na  leabhraichean  beaga  ud  leabhar-la 
anns  an  do  thoisich  i  air  sgriobhadh  an 
deidh  bas  Mhanuis,  agus  theagamh  gur  e  an 
t-aobhar.gu  robh  m'ainm-sa  air  ainmeachadh 
annta  gu'm  biodh  i  a'  leughadh  nan  duil- 
leagan  so,  agus  gu'n  d'fhuair  i  comhfhurt- 
achd  o  rud-eigin  a  chunnaic  i  annta  mu 
dhaoine  oga  a  shiubhail  gun  aithreachas 
gun  aidmheil.  A  thuilleadh  air  sin  is  ann 
air  mo  chomhairle  anns  an  litir  a  sgriobh 
mi  chuice  an  uair  a  shiubhail  am  balach, 
agus  a  bha  na  stuadhan  a'  dol  thairis  oirre, 
a  thoisich  i  air  sgriobhadh  anns  an  leabhar. 
Thuirt  mi  rithe  nach  ann  o  dhaoine  a  thigeadh 
neart  no  comhfhurtachd  ach  o  na  tri  tobraich- 
ean  diomhair,  so  Dia  agus  am  BiobuU  agus  a 
cridhe  fhein,  na  tri  companaich  as  fhearr 
air  an  t-saoghal.  Ma  tha  e  'n  a  fhaochadh 
do  dhuine  am  Biobull  a  leughadh,  tha  e  'n  a 
fhaochadh  dha  cuideachd  smuaintean  is 
fiosrachadh  a  chridhe  a  leigeil  a  mach 
eadar  e  fhein  agus  Dia. 

"A  Mhanuis,  a  luaidh,  gaol  mo  chridhe, 
cha  leig  sinn  leis  a'  bhas  ar  dealachadh  ; 
ma  thug  am  bas  bhuam  do  chreubhag  lurach 
a  mhiannaichinn  a  phogadh  gun  sgur,  cha 
toir  e  bhuam  t'anam  agus  do  ghaol,  oir  ma 
tha  buadhan  an  anama  a'  tighinn  gu  iomlan- 
achd  ann  an  neamh  bithidh  do  ghaol-sa 
dhomhsa  na's  blaithe  agus  na's  iongantaiche 
na  bha  e  air  thalamh." 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


Tosdachd  an  duine  aice 

Ged  tha  athair  Mhanuis  'n  a  dhuine  maith 
agus  caomhail  ri  mhnaoi,  tha  mi  an  dull 
nach  leigeadh  a  nadur  agus  a  dhoighean 
agus  a  bh  each  dan  leis  bruidhinn  cho  cinn- 
teach  niu  neamh  agus  mu  shonas  Mhanuis 
am  measg  nan  ainglean  's  a  bha  a  mh  athair 
a'  deanamh,  agus  mar  sin  nach  robh  e  comas- 
ach  air  uiread  comhfhurtachd  a  thoirt  dhi 
's  a  bu  mhaith  leatha  fhaotainn.  Cha  bu 
toigh  leis  a  bhi  'ga  cluinntinn  a'  bruidhinn 
mar  nach  robh  aite  eile  ann  anns  am  faodadh 
eadhon  balaich  laghach,  mur  robh  iad  air 
an  iompachadh  no  air  am  breith  a  ris, 
agus  mur  d'aidich  iad  Criosd,  a  bhi  air  an 
cur,  agus  an  uair  a  chluinneadh  e  i  a'  bruidh- 
inn mar  sin  cha  tigeadh  diog  as  a  cheann, 
agus  bhiodh  a  thosdachd  cho  buileach  agus 
cho  trom  's  gu'm  biodh  ambarus  a'  bualadh 
Eilidh  nach  robh  dochas  idir  aige  gu'n  deach- 
aidh  Manus  do  neamh.  Cha  bhiodh  e  fior 
sin  a  radh  uime,  oir  bha  uiread  gaoil  aige 
air  a  mhac  's  a  bha  aice-se,  ach  cha  b'e 
fhaireachduin  agus  durachd  a  ghaoil  a  bu 
chombaist  dha  anns  an  dorchadas  ach  solus 
a  reusoin  agus  teagasg  nan  aithricbean, 
Calvin  agus  aithrichean  Rois,  da  sheorsa 
combaist  a  dh'fheumar  siiil  a  chumail  orra 
an  uair  a  bhios  sinn  a'  siubhal  troimh  ghleann 
dorcha  a'  bhais,  agus  a  bhios  iarunn-searbh- 
adais  a'  bhais  a'  dol  a  steach  do'n  anam. 
Chan  'eil  cearn  no  ceardach  anns  an  gabh 
combaist  ar  creidimh  agus  ar  dochais  a 
chur  ceart  ma  chaidh  i  air  aimhreit,  ach  am 
Biobull.  "  Bheir  fosgladh  do  bhriathar 
solus."  "  Nach  dean  Breitheamh  na  talmh- 
ainn  uile  ceartas." 

"  A  Mhanuis,  a  ghaoil,  a  bheil  thusa  a' 
faireachduinn  a  bhi  cho  dlixth  dhomlisa 
's  a  tha  mise  dhuit-sa  1  A  bheil  thu  'g  -am 
chluinntinn  a'  bruidhinn  riut,  no  'g  am 
chluinntinn  ag  iirnuigh  air  do  shon.  Innis 
dhomh  ann  an  aisling  gu  bheil  thu  sona 
agus  dean  tirnuigh  air  mo  shon.     larr  air 


Dia  creideamh  a  thoirt  dhomh,oir  tha  mo 
chreideamh  lag  is  fann,  agus  air  uairean 
tha  dubh-bhron  a'  bathadh  m'anma.  Chan 
'eil  fhios  agam  ciod  is  aobhar  dha,  ach.  tha 
m'anam  cho  luasganach  's  gu'n  siubhail  e 
le  luathas  an  dealanaich  o  thim  gu  siorruidh- 
eachd,  agus  o  airde  is  gloir  neimh  gu 
doimhneachd  is  truaighe  ifrinn,  a'  lorgachadh 
do  cheuman  agus  a'  faighneachd  c'aite  a 
bheil  thu.  0  Thi  Naoimh  a  chruthaich 
Manus,  mo  mhac  gaolach  a  thug  thu  dhomh 
gu  bhi  'n  a  theine-aoibhneis  'nam  chridhe, 
ma  rinn  e  peacadh  a  bha  toillteanach  air 
if  rearm,  cuimhnich  air  'oige  agus  air  goraiche 
na  h-6ige,  agus  saor  e  o  ifreann.  An  ann 
as  mo  chiall  a  tha  mi  a'  dol  ?  Manus  ann  an 
ifreann !  Chan  'eil,  chan  'eil ;  tha  Dia 
uasal  'na  uile  dhoighean ;  cha  chuireadh 
e  balach  nach  do  rinn  cron  air  neach  eile 
riamh  comhla  ri  ludas,  agus  mortairean, 
agus  brathadairean,  agus  droch  dhaoine  a 
dh'fhas  salach  le  'm  breugan  fhein.  Cha 
d'fhuair  thusa,  a  luaidh,  tiine  air  thalamh 
a  dheanamh  aithreachais  no  aidmheil,  ach 
ciod  eile  a  tha  an  t-siorruidheachd  air  a 
shon  mur  bheil  Dia  a'  toirt  cothrom  do 
pheacaich  fas  na's  fhearr  anns  an  ath  shaoghal 
na  bha  iad  anns  na  bliadhnachan  goirid  a 
bha  iad  air  thalamh  ?  " 

^     ^     ^     ^     ^ 

Bha  cuid  de  na  beachdan  a  bha  aig  Eilidh 
Murragh  mu'n  bheatha  mhaireannaich  cho 
leanabail  agus  cho  neo-shuidhichte  's  nach 
cuir  mi  sios  iad  air  an  duilleig  so,  oir  bidh 
sinn  uile  air  uairean  a'  cruthachadh  le  mac- 
meanmain  na  h-inntinn  saoghal  iir  dhuinn 
fhein  aig  nach  'eil  bunaitean  seasmhaeh, 
ach  am  bitheantas  cha  dean  sin  cron  air  bith 
dhuinn,  agus  cha  chuir  e  air  seachran  sinn 
o  Dhia,  ma  tha  Dia  'n  ar  smuaintean.  Tha 
Dia  a'  toirt  teadhair  fhada  do  na  naoimh, 
agus  saorsa  ionaltradh  ann  an  ctiiltean 
neonach  agus  air  achaidhean  air  a  bheil  an 
da  chuid,  seamrag  agus  iteotha  a'  fas. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Ruairidh  Moireasdan,  Lit.A. 

Ged  nach  e  Ruairidh  Moireasdan  "  athair 
na  h-eaglais  "  is  e  "  athair  na  Gaidhealtachd 
agus  nan  Eileanan,"  oir  chan  'eil  ministear 
eile  cho  sean  ris  a'  searmonachadh  anns  na 
h-Eileanan  Siar  an  diugh.  Tha  e  ceithir 
fichead  's  a  naoi,  agus  cho  laidir,  beothail 
'n  a  inntinn  's  a  bha  e  riamh,  ach  air  an 
t-samhradh  so  tha  e  a'  leigeil  dheth  uallach 
a'  choimhthionail. 

Tha  e  ochd  bliadhna  deug  ar  fhichead  an 
Eaglais  Ard  Steornabhagh,  am  baile  anns  an 


do  rugadh  e  an  1860,  agus  is  maith  an 
teisteanas  e  air  a  chliii  gu'n  do  ghairm  na 
daoine  d'am  b'aithne  e  'n  a  bhalach  e  gu 
bhi  'n  a  mhinistear  'n  am  measg. 

Bha  e  air  oileanachadh  an  Steornabhagh, 
an  Oilthigh  Dhun-eideann  agus  anns  a' 
Chollaist  Nuadh.  Bha  e  mu  dhusan  bliadhna 
ann  an  Loch  Carrann,  ach  an  1911  chaidh  e 
do'n  Eaglais  Ard'  an  Steornabhagh  far  a 
bheil  e  a  nis  a'  criochnachadh  a  mhinistreal- 
achd,  ann  an  deagh  ghean  aig  muinntir  a' 
bhaile  uile  agus  ro  mheasaU  aig  a  choimh- 


AIG  AN  UINNEIG 


thional  fhein.  Buaidh  agus  beannachd  leis 
'n  a  shean  aois  agus  cuibhrionn  reusonta  de 
na  tiodhlacan  a  bu  mhaith  leinn  nile  a 
shealbhachadh  ann  an  deireadh  ar  laithean, 
fois  agus  sith  agus  slainte. 

Aig  dinneir  a  thug  Cleir  Leodhais  dha  anns 
an  dealachadh,  a  chur  urram  air  agus  a 
thoirt  dha  pasgan  leabhraichean  mar  chuimh- 
neachan-gaoil,  labhair  feadhamn  dhiubh  an 
ainm  chaich,  ag  innseadh  mu  obair  Mhghr. 
Moireasdan  anns  a'  chleir  ;  am  meas  a  bha 
aca  uile  air,  agus  an  earlbsa  a  bha  aca  'n 
a  ghliocas  agus  'n  a  chomhairle. 

Cha  robh  dh'eolas  agam.-sa  air  Mgbr. 
Moireasdan  ach  gu'n  do  rug  sinn  air  laimh 
air  a  cheile  uair  no  dha,  ach  fhuair  mi 
litrichean  bhuaith  agus  bhiodh  e  air  uairean 
a'  cur  shearm.on  anns  na  duilleagan  so,  is 
dh'fhag  sin  an  dealbh  so  air  'n  am  inntinn, 
nach  robh  e  moiteil  m'a  obair  fhein,  nach 
bu  leasg  leis  saothair  is  dragh  a  ghabhail 
mar  chomhstadh  do  neach  eile,  agus  nach 
robh  ministear  eile  anns  a'  Ghaidhealtachd 
a  bha  uiread  Diadhaireachd  (Theology)  'n  a 
shearmoin. 

An  1907,  air  iarrtus  na  h-eaglais,  chaidh 
e  mach  do  Cheann  a  Deas  Africa  a  shealltainn  • 
thairis  air  an  obair  shoisgeulach  a  bha  dol 
air  aghaidh  anns  na  cearnaibh  sin. 

Duine  a  shaothraich  ann  an  tri  eaglaisean, 
an  Eaglais  Shaor,  an  Eaglais  U.F.  agus  a 


nis  Eaglais  na  h-Alba,  nach  abradh  tu  giir 
Criosduidh  e  de'n  Eaglais  Choitchinn ! 

Chan  'eil  ni  nuadh  fo'n  ghr^in 

Tha  caraid  foghluimte  agam  a  bhios  ag 
ionaltradh  ann  an  litreachas  na  Greige, 
agus  air  raontan  far  suing  eile  a  bhios  a'  cur 
chugam  an  drasd  's  a  rithist,  cuid  de  na 
neam.hnaidean  a  bhios  ag  am  as  air  anns  na 
leabhraichean  a  bhios  e  a'  leughadh,  a  leigeil 
fhaicinn  dhomh  cho  fior  's  a  tha  am  facal 
so,  nach  'eil  ni  nuadh  fo'n  ghrein.  "  An  ni 
a  bha  ann-,  is  e  an  ni  sin  fein  a  bhitheas  ann." 

An  uair  a  bha  luchd-eachdraidh  na  Greige 
a'  sgriobhadh  mu  na  cogaidhean  a  bha  dol 
air  aghaidh  'n  an  diithaich  fhein,  agus  mu 
sheanailearean  airm  agus  mu  luchd-riaghl- 
aidh  anns  nach  robh  smod  tiiir  ;  no  bha 
baird  na  Greige  a'  magadh  air  pearscahan 
mora  a'  bhaile  a  bha  air  an  seideadh  suas 
le  amaideas  agus  le  'm  boilich  fhein,  shaoil- 
eadh  tu  nach  ann  m.u  mhuinntir  na  Greige  a 
bha  iad  a'  bruidhinn  idir  ach  mu  mhuinntir 
Bhreatuinn  agus  mu  mhaithean  na  Parla- 
maid  ;  Beaverbrook,  Bevan,  Zilliacus,  Boyd 
Orr,  Professor  Joad,  Bernard  Shaw. 

Bha  la  ann  a  gheibheadh  na  Tories 
saighdean  liom.hta  agus  puinnseanta  o  bhaird 
na  Greige  a  loisgeadh  iad  air  na  Socialists, 
ach  an  diugh  tha  na  Tories  gun  Ghreigis  iad 
fhein. 


Am  Brat  air  a  thoirt  air  falbh 

Leis   an    Urramach  Calum  MacOilleathain,  M.A.,   Conan. 


(Is.  25,  7) 


SEO  aon  de  na  geallanna  mora  is  luachmhor. 
Tha  gealladh  ann  a  bhuineas  do  neach 
araidh,  an  cas  araidh,  do  dhuine  bochd  mar 
dhuine  bochd,  do  pheacach  mar  pheacach 
agus  do  fhirean  mar  fhirean  ;  tha  gealladh 
ann  do  chuideachd  air  leth  is  do  chinneach 
air  leth  is  do  Eaglais  air  leth  ;  tha  gealladh 
ann  do'n  t-saoghal  gu  h-iomlan !  Nach  mor 
an  gealladh  do'n  t-saoghal  e  seo,  "  Oir  bidh 
an  talamh  Ian  de  eolas  an  Tighearna  mar  a 
chomhdaicheas  na  h-uisgeachan  aghaidh  na 
doimhne."  Agus  is  e  gealladh  mor  do'n 
t-saoghal  iomlan  a  tha  againn  anns  an 
earrainn  seo  leis. 

Tha  an  Eaglais  a'  dol  air  aghart  le  doehas 
agus  le  stdl  ri  leasachadh  o  linn  gu  linn, 
agus  chan  'eil  i  gun  bharantas  aice.  Agus 
ged  a  bhios  daoine  beo,  anns  gach  linn,  a 
bhios  a'  gearan  air  mar  a  tha  ciiisean  a'  dol 
bhuaidhe  is  e  a  chi  cuid  eile  gu  bheil  tighinn- 
chuige  ann  cho  maith  ri  dol  bhuaidhe  agus 
gu  bheil  an  tighinn-chuige,  aig  amannan,  co 
dhiubh,  na's  folluisiche  na  dh'aidicheas  cuid. 
Is  e  gineal  gun   chieideamh  as  docha   bhi 


caoidh  "  Linn  an  Oir  "  na  na  daoine  a  tha 
dol  o  neart  gu  neart  iad  fhein  agus  iad  "a' 
cur  an  t-saoghail  bun  os  cionn," 

Far  'eil  saighdearan  is  gaisgich  ri  cath  is 
comhrag  chan  'eil  iad  a'  caoidh  mar  a 
chaidh  an  t-arm  air  ais  o  linn  Thearlaich  ! 
Is  e  fuidheal-feachd  as  trice  a  gheibhear  a' 
deanamh  sin ! 

Bha  na  Paganaich  Ian  de  chaoidh  air  son 
an  oige  fhein  is  oige  an  t-saoghail,  nithean 
nach  fhaicte  an  comaith  gu  brath  tuilleadh ! 
Cha  bu  choir  do'n  Chriosdachd  a  bhith  mar 
sin  idir.  Bha  cuid  ann,  theagamh,  a  bha  an 
dull  gur  h-ann  a  bha  an  latha  aig  Abraham 
agus  aig  Daibhidh  ;  ach  tha  an  fhirinn  ag 
innseadh  duinn  gu  bheil  cor  na  h-Eaglais  a 
nis  nas  fearr  na  an  cor-san,  "  air  do  Dhia 
nithean  as  fhearr  a  sholar  dhuinne." 

Agus  tha  e  soirbh  do'n  Chriosdaidh  aig  a 
bheil  Focal  na  Firinne  a  bhith  siiileachadh 
an  tuilleadh  's  an  tuilleadh  feairrde.  Agus 
tha  a  chuile  seorsa  reidh  mu  aon  ni,  gu  bheil 
feum  air  feairrde,  nach  'eil  cixisean  cho  maith 
's  a  bu  mhaith  leinn  iad  a  bhith. 


8 


AM  BRAT  AIR  A  THOIRT  AIR  FALBH 


Bha  cuirm  aig  an  t-salnaadair  agus  a 
chupan  a'  cur  thairis  !  Tha  cuirm  aig  Dia  do'n 
t-saoghal  uile.  Tha  sath  aig  Dia  do'n  t-saoghal. 

Anns  an  t-sliabh  seo !  An  Sion  an  eadh  ? 
Is  eadh  gun  amharus.  Sin  teis-meadhon 
an  t-saoghail,  oir  is  ann  o  na  h-Iudhaich  a 
thainig  Slainte.  Sin  far  an  robh  an  Slanuigh- 
ear,  sin  far  an  do  thoisich  an  soisgeul,  far 
an  do  chuireadh  an  soisgeul  an  gniomh, 
Criosd  gu  has,  agus  far  an  do  thoisicheadh 
air  a  shearinonachadh.  Agus  nach  e  E 
Fhein  a  thuirt  "  do  gach  creutair  "  ;  agus 
nach  e  E  Fhein  a  thuirt  "  deanaibJi  deisciobuil 
de  gach  uile  chinneach." 

Tha  sinn  an  dixil  gu  bheil  tri  nithean 
sonraichte  anns  a'  ghealladh.  I.  Eolas. 
An  uair  a  bha  bochdainn  is  fuath  a  luchd- 
muinntir,  na  h-Iudhaich,  a'  cur  uallach  air 
Pol  thuirt  e  gun  robh  iad  fhathast  agus  an 
sgleo-bhrat  seo  air  an  stiilean.  Cha  robh  iad 
a'  faicinn  nan  nithean  a  bha  esan  a'  faicinn. 
An  uair  a  leughadh  iad  na  sgriobturan  (is  e 
an  "  Seann  Tiomnadh  "  a  bha  e  ciallachadh, 
oir,  cha  robh  an  "  Tiomnadh  Nuadh " 
cruinn  'na  latha)  cha  robh  iad  a'  tuigsinn 
brigh  an  leabhair  no  nan  leabhraichean  sin. 
An  uair  a  chunnaic  Pol  gloir  Dhe  an  gntiis 
losa  Ciiosd  dh'fhalbh  an  doille  agus  chaidh 
na  stiilean  fhosgladh.  Co  ach  Pol  a  b'urrainn 
a  radh,  "  Tha  mi  nis  a'  faicinn  l  "  Agus  an 
uair  a  rachadh  e  air  ais  gu  na  sgriobturan 
nach  e  a  chanadh,  "  Tha  mi  nis  a'  faichinn." 
Agus  am  measg  nan  nithean  mora  a  chunnaic 
Pol,  is  a  thuig  Pol,  bha  aineolas  is  dorchadas 
an  t-saoghail  as  eugmhais  eolas  an  De  bheo. 
Faodaidh  e  bhith  gu  bheil  iad  lionmhor 
'nar  linn  fein  a  tha  an  diiil  gu  bheil  a  nis  a 
liuthad  eolas  ann  agus  a  liuthad  seorsa 
eolas  ann  agus  gun  dean  an  saoghal,  anns  na 
laithean  mora  deireannach  seo,  a'  chuis 
gun  eolas  De.  Ach  cha  dean.  Far  nach  'eil 
an  t-eolas  seo  aca,  air  meud  gach  eolais  eile, 
is  seorsa  eile  dhith,  tha  tiugh  dhorchadas 
'san  t-saoghal  agus  daoine  agus  brat  air  an 
stiilean.  Nach  e  sin  a  tha  toirt  air  cuid  an 
diugh  nach  fhaic  iad  'nan  co-chreutairean 
ach  na  briiitean  ag  imeachd,  far  an  tugadh 
an  solus  daibh  "  na  braithrean  "  fhaicinn  ri 
an  taobh  1  Nach  e  sin  a  tha  deanamh  gu 
bheil  a  leithid  de  fheill  air  full  is  feoil  'san 
t-saoghal  agus  gun  lorg  air  anam  neo- 
bhasmhor  no  curam.  mu  thimcheall  sin  ? 
Tha  an  saoghal  gun  Chriosd  'na  shaoghal 
gun  itil  gun  treoir.  Tha  an  duine  gun  Dia 
aiijeolach  agus  dorcha  agus  chan  'eil  e 
coltach  gun  dean  lionmhorachd  nan  seors- 
achan  eolais,  no  doimhne  an  iomlanachd, 
suas  an  call.  Ach  tha  an  t-eolas  seo  ann, 
agus  tha  e  ann  air  son  an  t-saoghail  gu  leir. 
Tha  e  feitheamh  air  an  t-saoghal. 


(II)  Glanadh.  Chan  e  an  t-aineolas  'na 
aonar  am  brat  slan.  Tha  ni  eile  aig  an 
t-saoghal  cho  cinnteach  ri  aineolas  a  tha 
trom  air  an  t-saoghal,  agus  'na  mhort 
's  'na  bhas  da,  is  e  sin  a  pheacadh  fein.  Tha 
e  do-sheachanta  feumail  gum  biodh  gniiis  a' 
chinne-daonn  air  ionnlaid  o'n  pheacadh. 
De  a  tha  cearr  air  an  t-saoghal  an  diugh  ? 
Tha  olcas  fein,  is  a  chionta  fein.  Mur  b'e 
olcas  dhaoine,  agus  gu  h-araidh  an  olcas  ri 
each  a  cheile,  nach  e  an  saoghal  a  bhiodh  'na 
chilis -ioghnaidh  m.aith  ?  Ach  nach  iad  na 
daoine  a  tha  an  diiil  gun  deanar  seorsa  de 
fhlaitheanas  air  thalamh,  mar  siud  is  mar 
seo,  gun  churam  de'n  ghalaire  sin,  a  tha 
fada  cearr?  Ann  a  bhith  leughadh  leabh- 
raichean eachdraidh  nan  slogh  nach  tug  sinn 
fainear  cho  dall  agus  a  tha  rioghachdan  air 
an  cliu  fein.  Ma  is  e  Sasainn  te  aca  feuch 
'na  leabhraichean  eachdraidh  mar  a  bha 
Sasainn  riam.h  ceart,  glan,  onarach,  direach 
agus  mar  a  bha  "  na  naimhdean,"  an 
Fhraing,  Eirinn,  Alba,  cho  mi-cheart,  cho 
olc,  cho  borb,  cho  fealltach.  Ctiis-smaoinich 
is  ciiis  ghaire  an  domhain!  Ach  nach  e 
sin  nadur  a'  pheacaidh — 'mi  fhein  ceart  an 
comhnuidh,  is  each  cearr  an  comhnuidh. 
Chan  i  sin  an  inntinn  ghlan  agus  an  inntinn 
shoilleir,  dhireach  a  reiticheas  aimhreit 
dhaoine.  Thig  an  latha  anns  an  dean  daoine 
Cluich  as  fearr  na  sin.  Feumaidh  iad,  ma 
tha  an  saoghal  bochd  gu  bhith  cothromach, 
rianail,  sitheil  is  tearainnte. 

III.  Aoibhneas.  Linn  an  aigh !  Crioch  air 
bron.  Nach  do-aireamh  iad  na  deoir  a  rinn 
aineolas  is  peacadh  a  chur  an  compairt 
na  daonachd  ?  Ni  an  t-aineolas  bathadh. 
Fagaidh  sin  ciidheachan  briste  is  giorra- 
shaoghail  an  teaghlaichean  a  chailleas  an 
cuid.  Rinn  am  peacadh  (Sannt  dhaoine  a 
bha  air  son  spreidh  is  or),  a'  Ghaidhealtachd 
seo  againn  a  mhilleadh  gun  iochd  gun 
trocair.  Bha  fear  'san  Eilean  Sgitheanach 
agus  bha  e  'g  radh  gum  biodh  meulaich  nan 
uan  'ga  dheanamh  tinn  agus  e  cuimhneachadh 
air  gair  is  ranaich  nan  daoine  agus  an 
sgaradh  beo  'ga  dheanamh  orra  gu  "long 
mhor  nan  eilthireach."  Agus  tha  an  saoghal 
a'  caoineadh  le  bron  nan  daoine  laga,  briste, 
anfhann  a  tha  daoine  peacach  is  daoine 
uaibhreach  a'  saltairt  gun  trocair  fo  na 
casan.  Ma  tha  cuibhrionn  de  bheannachd 
a'  gheallaidh  air  tuiteam  a  nis  a  gne  criochan 
seo,  gloir  do  Dhia.  Gun  tigeadh  an  tuilleadh 
's  an  tuilleadh  deth  oirnn  agus  air  an  t- 
saoghal  o  eirigh  gu  laighe  greine.  Aoibhneas 
an  aite  broin.  Maith  an  aite  uile.  Solus  an 
aite  dorchadais. 

"  Gun  tigeadh  do  rioghachd,  gun  deante 
do  thoil  air  an  talamh." 


Aireamh  9 


1949 


Anns  a'  Cheo 


Tha  sinn  a    smenrachadh   ntar  na  iloill,  ug  ianaidh  a    bhalla. — Isaiah,  lix.  10. 


GED  is  e  seann  leabhar  a  tlia  ami  an  leabhar 
an  fhaidh  Isaiah,  tha  e  na's  iiire  agus  na's 
fire  a  thaobh  nan  nithean  a  tha  cudth- 
romach  agus  maireannach  na  na  paipearan 
aig  Beaverbrook  a  leugh  thu  an  diugh 
agus  an  de.  Co  dha  is  aithne  an  suidh- 
eachadh  inntinn  anns  a  bheil  miltean  agus 
muilleanan  de  dhaoine,  agus  gu  sonraichte 
de  dhaoine  oga  an  diugh,  na's  fhearr  na 
b 'aithne  dhasan.  Tha  sinn  ag  amharc 
air  son  soluis,  ach  feuch  dorchadas  :  air 
son  soilleireachd,  ach  tha  sinn  a'  gluasad 
ann  an  duibhre.  Tha  sinn  a'  smeurachadh 
mar  na  doill,  ag  iarraidh  a'  bhalla  ;  agus 
mar  mhuinntir  gun  fhradharc  tha  sinn  a' 
smeurachadh  ;  tha  sinn  a'  tuisleachadh  mu 
mheadhon-la  mar  anns  an  diibhthrath  ;  tha 
ar  suil  ri  breitheanas  agus  ri  fuasgladh  ach 
chan  'eil  iad  ann. 

Nach  e  sin  an  staid  inntinn -anns  a  bheil 
na  miltean  d'ar  luchd-duthcha  an  diugh ! 
Mar  dhaoine  ann  an  seomar  dubh  dorcha, 
a'  dol  mu'n  cuairt  agus  an  lamhan  a'  bean- 

fc      tuinn   ris    a'    bhalla    agus    ri    caithrichean, 

*  ag  iarraidh  an  doruis  ;  air  chall  ann  an 
aite  nach  do  shaoil  iad  gu'ni  b'urrainn 
dhaibh  dol  air  seachran  ann. 

fc         Nach   truagh   leat    daoine    ann   an    ceo  ; 

Ss  gun  fhios  aca  c'aite  a  bheil  iad,  agus  iad  a' 
cluinntinn  fuaimean  neonach  a  tha  cur 
eagail  orra ! 

Nach  truagh  leat  daoine  gun  Dia  ;  gun 
chreud ;  gun  chreideamh  ;  eagal  agus  teagmh- ' 
aidhean  agus  mi-shuaimhneas  an  taobh 
a  stigh  dhiubh,  is  aimhreit  agus  cogadh 
agus  Stalin  agus  bombs  America  an  taobh 
a   muigh   dhiubh  ? 

Sin  mar  tha  daoine  an  diugh.  Os  cionn 
torman  agus  borbhan  muladach  na  talmhainn 
cluinnidh  tu  gaoir  nan  daoine  a  tha  air 
uachdar,  a'  caoidh  nach  aithne  dhaibh 
slighe  na  sithe,  agus  a'  caoineadh  a  chionn 
nach    'eil    Fear-cuideachaidh    ann. 

An  iiair  a  thainig  mise  agus  mo  cho- 
aoisean  a  steach  do'n  t-saoghal,  bha  sinn 
bochd  ;  bochd  ann  an  coimeas  ri  oigridh 
an  latha  so  a  tha  air  fas  cho  cleaehdte  i-i 
soghaltaclid  's  gu  bheil  iad  an  dviil  gur  e 
sonas  is  soghaltachd  an  coir-bhreithe,  co 
dhiubh  a  choisiim  iad  iad  le'n  saothair 
agus  le'n  dicheall  fheiii  no  nach  do  choisinn. 


Ach  ged  nach  robh  am  beairteas  agus  na 
goireasan  againn  a  tha  aig  an  oigridh  an 
diugh  bha  aon  rud  maith  againn  nach 
'eil  acasan,  bha  creud  agus  creideamh  againn 
as  an  robh  sinn  cinnteach,  cho  cinnteach  ris  a' 
bhas.  Bha  sinn  cinnteach  gu  bheil  Dia 
ann  ;  gur  e  am  Biobull  fhacal ;  gur  e 
Criosd  a  Mhac,  agus  aon  Slanuighear  an 
t-saoghail ;  gu  bheil  saoghal  eile  ann, 
neamh  do  dhaoine  maith  is  ifreann  do 
dhaoine  aingidh ;  agus  nach  'eil  anns  a' 
bheatha  so  ach  dearbhadh  is  deuchainn 
is  ullachadh  air  son  na  siorruidheachd. 
B'e  sin  an  creud  a  bha  aig  a'  Chriosdachd 
uile  fad  cheudan  bliadhna,  creud  laidir 
agus  simplidh  anns  nach  robh  teagamh 
againn,  agus  a  bha  dhuinn  mar  acair  ar 
n-anama,  'gar  cumail  cuimhneach  air  Dia 
agus  air  a'  bheatha  dhiadhaidh. 

Ach  CO  dhiubh  is  ann  aig  an  eaglais 
agus  aig  a  teagasg  fhein  a  tha  a'  choire, 
no  aig  feallsanachd  agus  ard-sgoilearachd, 
no  aig  speuradairean  agus  luchd-ealain, 
no  tha  tuigse  air  nithean  spioradail  a' 
cinntinn  am  measg  dhaoine  turail  air  chor 
agus  gu  bheil  iad  a'  tilgeadh  bhuapa  gu 
samhach  seann  bheachdan  anns  nach  'eil 
iad  a'  creidsinn, — ciod  air  bith  as  aobhar 
dha  chaill  an  creud  laidir  so  a'  bhuaidh 
agus  an  cumhachd  a  bha  aige  aon  uair, 
agus  cha  deachaidh  creud  eile  a  chur  'na 
aite. 

Tha  fhios  agam  gle  mhaith  nach  e 
"  creud  "  an  fhior  fhacal  ceart  air  son  an 
ni  a  tha  mi  a'  ciallachadh,  oir  tha  mtighadh 
eadar  "  creud  "  agus  "  teagasg  na  h-eaglais," 
no  "  aidmheil  na  h-eaglais,"  ach  ann  an 
seanchas  sgaoilte  de'n  t-seorsa  so  ni  e 
an  gnothuch,  oir  is  e  an  aon  ni  a  tha  air 
m'aire  cor  truagh  dhaoine  oga  a  tha  anns 
a'  cheo,  gun  chairt  gun  chombaist,  gun 
fhios  aca  c6  no  ciod  a  chreideas  iad,  an 
eaglais,  no  na  Communists,  no  aon  de  na 
Guthan  eile  a  tha  a'  glaodhach  air  na 
sraidean. 

Na'm  bithinn  a'  bruidhinn  riu  anns  a' 
chlass  Bhiobuill  theirinn  riu  gur  e  irioslachd. 
a'  cheud  cheum  ann  an  eolas,  ami  an  glioeas, 
ann  an  tuigse  spioradail;  agus  anns  a' 
bheatha  dhiadhaidh.  Co  sinne  gu'n  gabli- 
amaid   oirmi   fhein    a   radh,    Tiach    'eil    Dia. 


ANNS  A'   CHEO 


ann,  no  nach  'eil  sinn  cunntachail  dh^ 
air  son  gach  facal  a  labhras  sinn  agus  gach 
gniomh  a  ni  sinn.  Chan  fhaigh  thu  gu 
brath  dearbhadh  gu  bheil  Dia  ann  na's 
mo  na  gheibh  thu  dearbhadh  nach  'eil. 
Cha  ghabh  na  nithean  as  airde  dearbhadh, 
mar  a  dhearbhas  tu  nithean  beaga  ;  tha 
an  dearbhadh  an  taobh  a  stigh  dhiot, 
'nad  anam  fhein. 

Tha  iomadh  buaidh  mhaith  agus  ghaolach 
anns  an  oigridh  an  diugh  ;  tha  iad  laghach, 
is  tha  iad  sunndach,  is  tha  iad  misneachail, 
ach  CO  is  urrainn  a  radh  gu  bheil  iad  iriosal  ? 
Their  iad  riut  gu  bheil  e  ceart  dhaibh  am 
beachd  fhein  a  bhi  aca  mu  Dhia  agus  mu 
dhiadhaidheachd  cho  maith  ri  Papa  na 
Roimhe,  no  ri  Moderator  Eaglais  na  h-Alba, 
agus  gu  bheil  beachd  aon  duine  cho  maith 
ri  beachd  duine  eile. 

Ach  ged  is  toigh  leo  a  bhi  breabadh  an 
aghaidh  nan  dealg  agus  a'  cur  iighdarras 
nan  aosda  agus  nan  cumhachdach  an 
suarachas,  cha  dean  sin  cron  dhaibh  cho 
fad  's  a  bhios  meas  aca  orra  fhein  agus 
air  an  uaisle  nadurra  fhein.  Cha  dean  e 
cron  dhaibh  cho  fad's  a  chumas  iad  an 
cridhe  glan  o  na  nithean  a  shalaieheadh  e, 
farmad  agus  fuath  agus  gamhlas  agus 
droch  amharus  agus  neo-bheusalachd.  Chan 
'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  cinntiche  na 
nach  fhaigh  droch  dhuine  gu  brath  dearbh- 
achd  mu  Dhia,  no  duine  nach  'eil  a'  deanamh 
aoraidh  dha  am  firinn. 

Ged  a  thug  mi  tarruing  air  an  oigridh 
anns  a'  bhruidhinn  so  bu  mhaith  leam 
a  radh  nach  'eil  mi  idir  an  diiil  gu  bheil  mi 
fhein  agus  mo  cho-aoisean  a  mach  as  a' 
cheo,  'nar  seasamh  air  Cnoc  an  Fhradhairc 
far  a  bheil  an  t-adhar  glan  agus  soilleir, 
agus  far  am  f aic  sinn  fada  bhuainn  agus  fada 
romhainn.  Tha  sinn  uile  anns  a'  cheo 
ged  a  dh'fhaodas  e  a  bhi  na's  diimhaile 
ann  an  corra  aite  na  tha  e  an  aitean  eile. 

Tha  cuid  de  dhaoine  am  beachd  nach 
'eil  anns  a'  cheo  ach  deatach  phuinnseanta 
a  dh'eirich  o'n  talamh  an  1914,  an  uair  a 
thoisich  an  cogadh  nach  'eil  fhathast  crioch- 
naichte,  ach  tha  dochas  aca  gu'n  tog  e 
uair-eigin.  Ach  tha  cuimhne  agaibh  air 
an  naidheachd  a  tha  sgriobhta  ann  an 
leabhar  Genesis,  mar  thuirt  an  nathair 
ri  Eubh  gu'n  do  thoirmisg  Dia  dhaibh 
itheadh  de  mheas  na  craoibhe  air  eagal 
gu'm  biodh  iad  mar  dhee,  fiosrach  air 
maith  agus  air  olc ;  naidheachd  fhior  a 
thuigeas  daoine  glic  ach  nach  tuig  amadain. 

Fada  roimh  1914  bha  mac  an  duine  a' 
bruadar,  agus  a'  boilich  'na  dhiisgadh, 
gur  dia  e  fhein,  ged  nach  do  ghabh  e  air 
fhein   fhathast    'ainm    a    litreachadh   le    D 


mhor,  ach  anns  na  laithean  deireannach 
so  tha  e  air  toiseachadh  air  a  chreidsinn 
gu  bheil  a  ghliocas  agus  eolas  agus  inn- 
leachdan  fhein  cho  mor  's  gu'n  deanadh 
an  saoghal  feum  maith  gu  leor  as  eugmhais 
Dhia. 

A  thuilleadh  air  sin  bha  aimlisg  is  tuain- 
ealaich  air  a  chur  an  cinn  dhaoine  am 
bliadhnachan  a'  chogaidh,  a'  cluinntinn 
Chriosduidhean  na  h-E6rpa  ag  urnuigh 
an  aghaidh  a  cheile,  a'  beannachadh  nithean 
a  tha  mallaichte,  agus  a'  mallachadh  am 
braithrean  ann  an  Criosd  an  ainm  an  Athar, 
agus  a  Mhic  agus  an  Spioraid  Naoimh. 

An  ionghnadh  ged  a  thuit  an  ceo  oirnn, 
agus  gu'n  do  thoisich  daoine  air  a  radh 
nach  'eil  fhios  aca  co  dhiubh  is  fhearr, 
sud  no  so,  agus  mar  sin  nach  cron  dhaibh 
an  sath  a  ghabhail  de  sholasan  na  feola, 
gun  fhios  aca  nach  tachair  dhaibh  mar  a 
thachras  do  na  h-ainmhidhean  ?  An  iongh- 
nadh ged  chuir  iad  soisgeul  Eoin  air  an 
sgeilp  agus  leabhar  Ecclesiastes  'n  a  aite. 

Chan  'eil  daoine  an  diugh  na's  aingidhe 
na  bha  iad  an  de  ach  tha  an  siiilean  air 
fannachadh  ag  iarraidh  neach  a  labhras 
riu  le  iighdarras  agus  gun  an  t-Urra  mor 
sin  ann  ;  gu  leoir  de  choinnlean  criona  ach 
gun  aon  tigh-soluis  anns  a  bheil  dealradh 
gloire  agus  cumhachd  Dhe.  Chan  e  mhain 
gu  bheil  an  sluagh  gun  seoladh,  ged  tha 
na  buachaillean  agus  na  ciobairean  lionmhor, 
ach  tha  iad  a'  call  an  earbsa  ann  an  treibh- 
dhireas  nam  buachaillean  agus  nan  ciobair- 
ean ;  amharus  aca  nach  'eil  firinn  no  solus 
annta. 

Aotrom  is  fein-thoileil  is  neo-smachdaichte 
's  mar  tha  an  oigridh,  tha  iarraidh  aca 
air  seoladh  'n  an  creud  agus  'n  an  cleachdadh, 
ach  chan  'eil  iad  a'  faotainn  an  t-seolaidh 
sin  o'm  parantan,  no  o'n  eaglais,  no  idir  idir 
o  Cheannardan  na  rioghachd,  anns  an 
tomhas  no  leis  an  iighdarras  leis  am  bu 
choir  Creud  na  h-eaglais  agus  Slighe  na 
beatha  a  bhi  air  an  teagasg. 

H:  *  *  *  ♦ 

Ciod  a'  chrioch  a  bhios  aig  an  duibhre 
so  ?  Sin  ceist  do  nach  h-urrainn  dhomhsa 
freagairt  air  bith  eile  a  thou't  ach  an  fhrea- 
gairt  a  tha  air  a  thoirt  dhi  anns  a'  Bhiobull 
agus  ann  an  eachdraidh  an  t-saoghail, 
gur  righ  Dia  a  tha  'ga  fhoillseachadh  fein 
ann  am  breitheanas.  Ged  dh'fhaodas  e 
moille  a  dheanamh.  gu  deimhin  thig  e  agus 
labhraidh  e  ruinn  ann  am  breitheanas. 

Tog  suas  do  shiiilean  agus  thoir  fainear 
com.harraidhean  na  h-aim.sir,  gu  bheil  breith- 
eanas cheana  air  toiseachadh  aig  tigh  Dhe. 

Chan  'eil  an  ceo  anns  a  bheil  an  eaglais 
gun  aobhar. 


Anns  a'  Chathair 


THOISICH  mi  air  ann  an  Druim-na-drochaid 
agus  lean  mi  air  ann  am  Blar-Atholl,  a 
bhi  cur  sios  ann  an  leabhar  beag  nithean 
a  bha  a'  tachairt,  ma  bha  buintealas  air 
bith  aca  rium,  agus  smaointean  a  bhiodh 
a'  dol  troimh  m'  inntinn  ma  bha  mi  an 
dtiil  gu'm  b'fhiach  iad  cuimhne  a  chumail 
orra.  Cha  robh  a  bheag  de  chadal  a  dhith 
orm  riamh  ;  bhithinn  a'  leughadh  fad 
na  h-oidhche,  agus  a'  dol  a  laighe  aig  uairean 
's  a'  mhaduinn,  agus  am  bitheantas  is  ann 
an  deidh  mheadhon-oidhche  a  bha  beagan 
no  moran  air  a  chur  anns  an  leabhar -latha. 
lomadh  oidhche  cha  robh  dad  air  a  chur 
ann,  ach  bha  rud-eigin  a'  dol  ann  a  h-uile 
seachduin,  gu  sonruichte  air  oidhche  na 
Sabaid,  an  uair  a  bha  obair  an  latha  seachad  ; 
cinn-theagaisg  air  am  bu  mhaith  leam 
searmonachadh  ;  leabhraichean  a  bu  mhaith 
leam  a  leughadh  ;  agus  facail  is  beachdan 
is  teagasg  drtiidhteach  a  laugh  mi  cheana, 
agus  c'  aite  am  faighinn  iad  na'm  biodh 
iad  a  dhith  orm  a  rithist. 

A  mach  o'm  chumail  o  bhi  deanamh 
rud  bu  mhiosa,  agus  o  sheorsa  de  ordalachd 
agus  de  riaghailt  a  chumail  'n  am  inntinn 
agus  'n  am  obair,  cha  robh  moran  feuma 
ann  an  cuid  mhaith  de'n  t-saothair  ud. 
Cha  robh  ann  an  da  thrian  de  na  bha  anns 
na  leabhraichean  ach  trealaich  nach  fhiach 
dad  eile  a  dheanamh  ris  ach  a  chur  anns  an 
teine,  seirbhiseach  an  Tighearna  a  tha 
cumail  an  t-saoghail  ciibhraidh  agus  glan. 
Ach  air  a  shon  sin  chomharlaichinn  do 
mhinistearan  oga  an  cleachdadh  so  a  lean- 
tuinn  ann  an  tomhas  reusanta  nach  cuireadh 
cuing  orra,  a  chionn  gu'n  cuidicheadh  e 
leo  cuimhne  a  chumail  air  iomadh  rud  a 
bhiodh  feumail  dhaibh  an  deidh  laimhe, 
agus  greim  a  dheanamh  air  cobhartach  a 
dh'  fhaodadh  falbh  leis  an  t-sruth  mur 
cuireadh  iad  comharradh  agus  ceangal  air. 
Tha  ar  cuimhne  neo-chinnteach,  agus  is 
fheairrd  sinn  uile  claragan  an  uair  a  chailleas 
sinn   comas  nan   cas. 

A'  Chiste-mhine 

Ma  dh'  fhaodas  mi  m'  fhiosrachadh  fhein 
a  ghakm  mar  fhianuis  is  urrainn  mi  a 
radh  gu  firinneach  gu'n  do  shabhail  an 
cleachdadh  so  mi  fad  corr  agus  da  fhichead 
bliadhna  o  bhi  gann  de  chonnadh  air  son  na 
ciibaid  no  air  son  nan  duilleagan  so.  Ged 
nach  'eil  mi  maith  air  bruidhinn  no  deas 
'n  am  chainnt  cha  robh  e  riamh  duilich 
dhomh  no  leasg  leam  searmoin  a  sgriobhadh, 
no  seanchas  a  dheanamh  anns  na  duilleagan 


so  air  cuspair  air  bith  a  thoilichinn,  a  chionn 
gu  robh  rud-eigin  daonnan  anns  a'  chiste- 
mhine,  cuid  dheth  o'm  churachd  fhein,  agus 
cuid  dheth  air  a  chruinneachadh  o  chein, 
mar  bhiodh  camhail  Mhidiain  a'  giulan 
oir  agus  ttiis  gu  Sion.  A  thaobh  's  nach  robh 
bean  no  clann  agam  bha  mo  dhachaidh 
riamh  'na  dachaidh  shamhach,  is  bha 
cothrom  agam  a  h-uile  maduinn  uair  an 
uaireadair  a  chur  seachad  aig  an  dasc  a' 
leughadh  agus  a'  rannsachadh  a'  Bhiobuill, 
chan  ann  a  dh'  fhaotainn  shearmon  as 
ach  a  dh'  fhaotainn  eolas  air  dhomh  fhein, 
agus  a  nis  an  uair  a  tha  mo  mhinistrealachd 
criochnaichte,  ma  bha  maith  no  tairbhe 
air  bith  innte  do  dhaoine  eile,  tha  mi  cinn- 
teach  gu'n  d'  fhuair  iad  e  leis  na  bhithinn 
a'  toirt  dhaibh  as  a'  Bhiobull.  Chan  'eil 
dion  as  fhearr  o'n  inntinn  fhalamh  na  eolas 
a  bhi  agad  air  a'  Bhiobull,  agas  cuid  mhaith 
de  na  sailm  a  bhi  agacl  air  do  theangaidh. 
Duine  air  bith  a  bhios  a'  leughadh  a'  Bhiobuill 
a  h-uile  latha,  cha  bhi  e  gun  smuaintean  'n 
a  cheann. 

An  cunnart  nach  'eil  ann 

Air  an  t-seachduin  so  chaidh,  an  uair 
a  bha  mi  a'  losgadh  phaipearan  is  litrichean 
air  nach  bi  feum  agam  tuilleadh,  thachair 
feadhainn  de  na  leabhraichean  beaga  so  orm, 
agus  an  uair  a  thoisich  mi  air  tionndadh 
nan  duilleagan  thug  e  air  ais  gu  m'  chuimhne 
daoine  agus  aitean  agus  nithean  nach  robh 
'n  am  inntinn  o  chionn  da  fhichead  bliadhna. 
Air  aon  duilleig,  ann  an  lamh-sgriobhaidh 
a  b'  fhearr  na  tha  agam  an  diugh,  bha 
iomradh  air  a  dheanamh  air  an  latha  agus 
an  oidhche  mhor  a  bha  againn  ann  an  Druim- 
na-drochaid,  an  uair  a  dh'  fhosgail  Bradley 
Martin  an  Talla  gasda  a  thug  e  do  mhuinntir 
a'  ghlinne,  a  bha  air  a  dheanamh  as  an 
t-seann  sgoil  a  bha  ann  an  toman  coille 
aig  a'  Bhlar-bheag,  far  an  robh  Miss  Myles 
a'  fuireach,  seana  bhean-uasal  a  bha  air 
a  fagail  'n  a  h-6nrachd,  gun  mhoran  Cuid 
agus  gun  chuideachd  idir.  Nach  maith 
an  gnothuch  gu  bheil  ullachadh  air  a  dhean- 
amh a  nis  leis  an  rioghachd  air  son  islean 
agus  uaislean  'n  an  seann  aois,  ach  na'n 
robh  Miss  Myles  anns  an  inntinn  anns  an 
robh  i  'nuair  a  b'aithne  dhomhsa  i  bu  cho 
maith  leatha  a  bhi  marbh  ri  speuclairean 
no  fiaclan  a  ghabhail  o'n  Ghovernment. 
Bha  i  anabarrach  neo-eisiomaileach,  ach 
ciod  am  feum  dhuit  a  bhi  a'  bruidhinn  air 
neo-eisiomaileachd  anns  a'  chilis  so,  oir 
ma  bheachdaicheas  tu  air  an  rud  gu  coth- 


ANNS  A'  CHATHAIR 


romach,  's  e  na  speuclairean  agus  na  fiaclan 
a  tha  an  Government  a'  toirt  dhuit  a  nasgaidh 
speuclairean  is  fiaclan  as  daoire  dhuit  a 
cheannaich  thu  riamh.  An  uair  a  phaigheas 
tu  a'  chunntais,  feumaidh  tu  toiseachadh 
air  a  phaigheadh  a  rithist,  agus  leanaidh 
tu  air  a  paigheadh  fhad  's  is  beo  thu. 

Dh'  fhag  mise  Druim-na-drochaid  m'  an 
do  chaochail  Miss  Myles  ach  chaidh  mi  air 
m'  ais  an  uair  a  fhuair  mi  fios  gu'n  do 
shiubhail  i,  oir  chuir  i  an  dleasdanas  orm 
nach  biodh  i  air  a  tiodhlacadh  an  taobh 
a  stigh  a  dh'  uine  shonruichte,  no  gus  an 
robhtar  cinnteach  gu'n  robh  i  marbh. 
Tha  Comunn  air  choir-eigin  ann  aig  a 
bheil  a'  chrioch  araid  a  bhi  cur  dhaoine 
'n  an  earalas  air  eagal  gu'm  bi  iad  air  an 
cur  fo'n  talamh  beo.  Tha  iad  a'  cur  a  mach 
dhuilleagan  agus  leabhrain  bheaga  mu'n 
chunnart  so,  agus  aon  uair  's  gu'n  toisich 
daoine  air  na  duUleagan  agus  na  leabhrain 
sin  a  leughadh  is  docha  gu'm  bi  cuid  dhiubh 
a  chreideas  gu  bheil  aon  no  dithis  as  an 
fhichead  air.  an  tiodhlacach  beo  a  h-uile 
bliadhna.  Thoisich  Miss  Myles  air  an  lit- 
reachas  so  a  leughadh,  ach  ged  a  dh'  fheuch 
mi  uair  no  dha  r'  a  cur  as  a  beachd  gu'n 
robh  an  cunnart  so  ann,  bu  cho  maith 
dhomh  feuchainn  ri  Meall-fuar-mhonaidh  a 
charachadh  as  a  h-aite,  no  Israelach  Breat- 
unnach  a  thionndadh  o  sheachran  a  shlighe. 
Mur  bithinn  diorrasach  agus  as-creidmheach 
gu  nadurra  bha  mi  fhein  'n  am  Israelach 
Breatunnach  fada  roimh  so,  oir  tha  mnathan 
diadhaidh  agus  oifigich  airm  a  tha  a  cheart 
cho  diorrasach  rium  fhein  ach  na's  docha- 
saiche,  a'  leantuinn  orra  o  chionn  deich 
bliadhna  fichead  air  litreachas  is  leabh- 
raichean  a'  Chomuinn  a  chur  chugam,  an 
dochas  gu'm  bi  mo  shiiilean  air  am  fosgladh. 

Talla  a'  Bhlair-bhig 

Ach  gus  tighinn  air  m'  ais  gu  fosgladh 
an  Talla,  rinn  an  t-Urramach  Alasdair 
MacAoidh,  nach  maireann,  ministear  na 
h-eaglais  U.F.,  urnuigh,  agus  b'  e  a'  cheud 
fhacal  anns  an  iirnuigh,  ''  A  Thighearna, 
tha  sinn  a'  toirt  buidheachais  dhuit  gur 
toigh  his  an  duine  so  ar  cinneach-ne,  agus 
gu'n  do  thog  e  dhuinn  sionagog  "  ;  smuain 
a  bha  freagarrach  gu  leor  air  a  leithid  de 
latha,  agus  briathran  a  b'  aithne  do  mhuinn- 
tir  a'  ghlinne  gu  maith  gur  ann  as  a'  Bhiobull 
a  bha  iad.  Ach  bha  fear  de  na  h-Americanaich 
a  bha  lathair  nach  robh  eolach  air  a'  Bhiobull ; 
an  deidh  na  h-iirnuigh  thuirt  e  nach  robh 
fhios  aige  gu'n  robh  ludhaich  anns  a' 
ghleann,  agus  gu'n  do  shaoil  e  gur  e  Talla- 
dannsa  a  bha  Mghr  Martainn  a'  toirt  dhuinn, 
ach  CO  dhiubh  is  ann  o  aineolas  no  gu  magail 


a  bha  e  a'  cur  cheistean  air  an  fheadhainn 
a  bha  laimh  ris  cha  d'  fhuair  e  o  ghin  aca 
ach  freagairt  mhin. 

Bha  suipear  shoghail,  agus  dannsadh 
'na  deidh,  air  a  toirt  do  chuideachd  mhor, 
Ian  an  Talla  ;  an  t-suipear  air  a  h-ullachadh 
le  D.D.M.  an  Tigh-osda  Dhruim-na-drochaid, 
agus  air  a  paidheadh  le  Bradley  Martin. 
Chan  'eil  dad' mu'n  t-suipear  anns  an  leabhar- 
latha-sa,  ach  tha  cuimhne  agam  fhathast 
air  aon  rud  a  thuirt  Bradley  Martin  an 
oidhche  ud.  Bha  mi  'n  am  shuidhe  laimh 
ri  Mrs.  Martin  aig  a'  bhord,  agus  ann  am 
meadhon  na  suipearach  thuirt  e  rithe,  agus 
crioman  feola  aige  air  fore,  "  Nellie,  car 
son  nach  fhaigh  sinn  feoil  cho  maith  rithe 
so  anns  an  tigh  againn  fhein  "  ? 

Ochan,  ochan !  Mar  nach  robh  an  fheoil 
a  b'  fhearr  a'  dol  do  Bhaile  Mac  Cathain, 
agus  deoch  a  b'  fhearr  na  gheibheadh  tu 
ann  an  tigh-osda  Dhruim-na-drochaid !  Ach 
bha  e  fhein  sunndach  agus  sona  an  oidhche 
ud  ;  toilichte  leis  a'  ghniomh  a  rinn  e  ; 
'ga  ghrianadh  fhein  ann  am  fabhar  an  t- 
sluaigh,  agus  chuir  sin  bias  maith  air  an 
fheoil.  Cha  ruig  mise  a  leas  leudachadh 
air  an  fhacal  ud,  no  cosmhalachd  a  dheanadh 
dheth ;  theid  agad  fhein,  a  leughadair, 
air  sin  a  dheanamh.  An  uair  a  bha  BaUe- 
mac  Cathain  'n  a  sheusdar  ri  linn  Bradley 
Martin  bha  uiread  meadhraich  is  gleadh- 
raich  ann  's  a  bha  ann  an  Dun-bheagain 
ri  linn  Ruairidh  Mhoir,  ach  dh'  fhalbh 
sin,  agus  an  diugh  tha  Ichabod  air  a  sgriobh- 
adh  air  ballachan  nan  Tighean-mora  uile, 
agus  am  Fasach  air  geatachan  nam  paircean 
maiseach  a  tha  timchioll  orra.  Tha  na 
cailleachan- oidhche  agus  na  seabhagan-oidh- 
che  agus  na  calamain-fhiadhaich  a'  gabhail 
taimh  'n  an  turraidean,  agus  a'  chuid 
dhiubh  nach  'eil  cheana  'n  an  tighean-osda, 
no  'n  an  tighean-eiridinn,  no  'n  an  tighean- 
oigridh,  tha  iad  air  an  cur  gu  iomadh  feum 
neonach,  cuid  dhiubh  air  an  lionadh  le 
cloinn  nach  'eil  uile  gu  leir  ann,'  agus  luchd- 
teagaisg  is  psychologists  is  doctairean  air 
an  ceann,  an  diiil  gu'n  teid  aca  air  rud  a 
chur  annta  nach  do  chuir  an  Cruithear 
annta  ;  is  feadhainn  eile  dhiubh  air  an 
lionadh  le  cloinn  dhiolain  a  bha  aig  droch 
bhoireannaich  narn  bailtean  mora,  los  am 
bodhaigean  a  dheanamh  laidir  agus  comasach 
air  clann  dhiolain  eile  a  ghineamhuinn. 

Tha  e  duilich  a  radh  cia  dhiubh  as  fhearr 
sud  no  so  ;  an  saoghala  b'  aithne  dhuinn 
'n  ar  n-6ige,  ach  a  tha  a  nis  cho  luath  a' 
dol  as  an  t-sealladh,  no  an  saoghal  6g  a 
tha  a'  tighinn  'n  ar  fradharc.  Feumar  am 
maith  agus  an  t-olc  a  ghabhail  comhla, 
agus  ciod  eile  a  tha  ann  ach  aobhar-taingeal- 


ANNS  A'  CHATHAIR 


achd  nach  'eil  bochdainn  no  acras  anns 
an  ddthaich  an  diugh  mar  bha  innte  aon 
uair,  agus  gu  bheil  beo-shlaint  as  fhearr 
aig  an  luchd-oibre  ?  Ach  tha  call  as  miosa  a' 
tighinn  oirnn  na  na  Tighean-mora  a  bhi 
dol   fas.      Tha   sinn  fhein   a'   fas   bog   agus 


eisiomaileach  agus  liosda  ;  toileach  sinn 
fhein  a  chur  air  churam  dhaoine  eile,  agus 
leigeil  dhinn  a  bhi  a'  seasamh  air  ar  casan 
fhein.  Cha  mholainn  duine  air  bith  nach 
dean  a  rathad  fhein  anns  an  t-saoghal  no 
duine  aig  nach  'eil  earbsa  ann  fhein. 


Fo  Chraobh  Sheudair 


GED  nach  bu  mhaith  leani  dol  an  aghaidh 
teagasg  nan  aithrichean  a  thug  dhuinn 
Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist,  anns  a 
bheil  e  air  a  radh  gu'n  d'  orduich  Dia  roimh 
laimh,  chiim  a  ghloire  fein,  gach  ni  a  thig 
gu  crich,  tha  e  duilich  dhomh  a  chreidsinn 
gu'n  do  roimh-orduich  Dia  gu'm  biodh 
dha  dbeug  de  chloinn  aig  bean  Dhomhnuill 
Mhartainn,  creutair  gun  taic  gun  sgoinn 
anns  nach  robh  maith  no  cron  ach  a  mhain 
gu'n  robh  i  reidh  agus  gu'n  robh  i  siolmhor. 

Phos  i  Domhnull  Martainn  'n  a  h-ochd 
bliadhna  deug,  duine  nach  robh  dad  na  bu 
taiceile  no  na  bu  sgoinneile  na  i  fhein, 
ged  bha  e  coig  bliadhna  na  bu  shine.  Cha 
robh  e  leasg  gu  nadurra,  ach  dh'  fheumadh 
an  obair  tighinn  chuige  an  aite  esan  a 
bhi  'g  a  h-iarraidh,  agus  an  la  a  bhiodh 
e  air  a  bhlian  air  beulaibh  an  tighe,  gun 
char  'g  a  dheanamh,  a'  cluich  air  feadan  a 
thoileachadh  nam  paisdean,  agus  an  geairneal 
ion  's  a  bhi  falamh,  cha  saoileadh  tu  air 
'aodann  no  air  a  sheanchas  gu'n  robh 
bean  agus  dha  dheug  de  theaghlach  an 
crochadh  ris. 

Tha  gu  leoir  de  charaidean  de'n  t-seorsa 
so  anns  an  t-saoghal,  ach  ged  tha  an  saoghal 
iir  na  's  coibhneile  riu  na  bha  an  seann 
saoghal  bha  na  coimhearsnaich  na  bu 
truacanta  anns  na  laithean  a  dh'  fhalbh, 
agus  na  bu  deise  air  cobhair  a  dheanamh 
air  an  fheumnach.  Ach  tha  an  Staid  an 
diugh  a'  gabhail  oirre  fhein  uallach  nam 
feumnach  agus  a'  coimhlionadh  an  dleas- 
danais  sin  na's  fhearr  na  b'  urrainn  do 
choimhearsnaich  a  dheanamh.  Buidheachas 
do  Ni-maith  gu  bheil ;  ged  bhios  sinn  uile 
air  uairean  ag  radh  le  'r  teanga  gu  bheil 
coibhneas  a'  Ghovernment  ris  na  h-ioch- 
darain  agus  ri  daoine  leasg  gun  sgoinn  air 
dol  thar  tomhas  tha  sinn  uile  toilichte 
'n  ar  cridhe  gu  bheil  Mghr  Attlee  agus  a' 
Pharlamaid  a'  feuchainn  ri  maoin  na  riogh- 
achd  a  roinn  na's  cothromaiche,  agus  a' 
luigheasachadh  cuid  mhaith  de'n  airgiod 
a  tha  iad  a'  toirt  bhuainne  do  leithidean 
Dhomhnuill  Mhartainn.  Buidheachas  do 
'  Ni-maith  nach  cluinnear  gu  brath  tuilleadh 
o  bhalach  beag  an  fhreagairt  a  thug  balach 
neochiontach  gaolach  air  ministear  a  thuirt 


ris  gu'm  faodadh  e  a  bhrathair  a  b'  oige 
a  thoirt  leis  comhla  ris  fhein  gu  cuirm- 
chnuic  na  sgoil-Shabaid,  ged  nach  robh  e 
anns  an  sgoil-Shabaid  fhathast. 

"  Chan  urrainn  dhuinn  dol  ann  'n  ar 
dithis,"  ars  am  balach,  "  chan  'eil  againn 
ach  an  aon  bhriogais.'-' 

N^hean  uasal 

Na'n  robh  Domhnull  Martainn  agus  a 
bhean  a'  togail  an  teaghlaich  an  diugh  dh' 
fhaodadh  iad  an  saoghal  a  ghabhail  na 
bu  reidhe  na  ghabh  iad  e  co  dhiubh,  agus 
leigeil  leis  na  paisdean  an  cumail  ann  am 
barrachd  comhfhurtachd  na  bha  aca,  ach  ged 
nach  do  rug  linn  an  aigh  sin  orra  fhein 
thainig  i  a  steach  ann  an  am  a  tha  leigeil 
le'n  oghachan  a  bhi  'n  am  buannachd  d'  am 
parantan. 

Ach  feumaidh  mi  greasad  orm  leis  an 
sgeul  oir  chan  ann  mu  Dhomhnull  Martainn 
no  mu  mhnaoi  a  tha  i,  ach  mu  the  de  na 
caileagan  aca  agus  mu'n  dileab  a  fhuair 
i  o  h-athair  ;  caileag  cho  grinn  agus  cho 
glic  agus  cho  dleasdanach  's  a  bha  riamh 
ann  an  Siorramachd  Pheairt.  Shiubhail  a 
mathair  m'  an  robh  i  buileach  da  fhichead 
bliadhna,  air  a  sarachadh  agus  air  a  caitheamh 
le  bhi  a'  gitilan  agus  a'  breith  cloinne,  agus 
is  ann  air  a'  chaileig  so,  Dora,  agus  gun  i 
ach  sia  bliadhna  deug,  a  thuit  uallach  an 
teaghlaich  agus  ctiram  na  cloinne  ;  an 
t-aon  bu  shine  dhiubh,  Seumas,  naoi  bliadhna 
deug,  agus  an  t-aon  a  b'  oige,  Etta,  deich 
miosan,  an  uair  a  shiubhail  am  mathair. 

Thairg  piuthar  a  mathar  Etta  a  thoirt 
leatha  gus  am  biodh  i  beagan  na  bu  shine, 
ach  cha  dealaicheadh  Dora  ris  a'  phaisde. 
"  Is  e  mi  fhein  a  bha  'g  a  togail  co  dhiubh," 
thuirt  i  rithe,  "  bha  mo  mhathair  cho  lag 
's  nach  b'  urrainn  i  broilleach  a  thoirt  dhi 
mar  a  thug  i  dhuinn  uile,  ach  dh'  innis 
Doctair  Anderson  dhomh  mu'n  bhiadh  a 
bheirinn  do  Etta,  agus  bidh  banaltrum 
na  sgire,  Miss  Eraser,  a'  tighinn  bitheanta 
do'n  tigh  'g  a  faicinn,  agus  theagaisg  i 
dhomh  ciamar  a  chumainn  glan  i,  agus 
iomadh  rud  eile." 

Coig  bliadhna  an  deidh  bas  a  mathar 
shiubhail  a  h-athair,  a'  bhuille  bu  ghoirte 


6 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


a  fhuair  i  riamh,  oir  ged  nach  robh  a  h-athair 
'n  a  dhuine  sgoinneil,  no  luath.  is  dian  mar 
chosnaiche  d'  a  theaghlach,  bha  e  gaolach 
agus  laghach,  riu  air  chor  agus  gu'n  robh 
dtiil  aig  a'  chloinn  nach  robh  duine  air  an 
t-saoghal  cho  maith  no  cho  glic  no  cho 
laidir  ris  mur  robh  Righ  Deorsa  agus  Righ 
na  Spainnte.  An  deidh  bas  a  mathar 
tharruing  Dora  agus  a  h-athair  na  bu 
dliiithe  agus  na  bu  dliiithe  ri  cheile  ;  cha 
chualas  riamh  e  ag  radh  facal  cas  no  crosda 
rithe. 

Ged  bha  an  teaghlach  ud  air  an  togail 
ann  am  bochdainn  bha  iad  reidh  agus 
toilichte  agus  gaolach  'n  am  measg  fhein, 
is  bhiodh  am  maighstir-sgoil  ag  radh  nach 
robh  clann  eile  cho  glan  no  cho  modhail 
riu  anns  an  sgoil.  Dh'  fhas  iad  suas  le  'n 
cinn  ruadha  cho  luath  ris  na  coineanan, 
agus  cleas  nan  coineanan,  bha  iad  a'  toiseach- 
adh  air  siolachadh  cho  tr^th  's  gu'm  biodh 
an  t-ogha  agus  brathair-athar  anns  an 
sgoil-Shabaid  comhla. 

An  uair  a  shiubhail  am  parantan  b'  e 
Dora  a  b'  athair  agus  a  bu  mhathair  dhaibh, 
a'  riaghladh  'n  am  measg  mar  bhan-righ, 
le  iighdarras  agus  iimhlachd  nach  robh 
riamh  air  a  thoirt  do  Mhac  Cailean,  ged 
bu  chumhachdach  e  ann  an  Earra-Ghaidheal. 
An  deidh  dhaibh  uile  posadh  agus  dol  air 
thigheadas  dhaibh  fein,  ach  a  mhain  aon 
phiuthar  nach  robh  slan,  lean  Dora  oirre 
a'  cumail  suas  na  seann  dachaidh  air  sgath 
na  peathar  so,  agus  air  ghaol  gu'm  biodh 
aite  aig  an  fheadhainn  a  sgaoil  an  sgiathan 
anns  am  faodadh  iad  coinneachadh  an 
drasd  's  a  rithist. 

Gaol  an  t-Seoladair 

Air  ghaol  a  bhi  dileas  agus  dleasdanach 
d'a  parantan  agus  do'n  teaghlach  uile 
leig  i  seachad  gu  buileach  rim  posaidh, 
ged  bha  gu  leoir  'g  a  h-iarraidh  leis  an 
iomradh  a  bha  oirre  ann  an  AthoU  ;  air  a 
grinneas  agus  a  banalas  agus  a  banachas- 
tighe.  Bha  aon  fhear  na  bu  diorrasaiche 
na  each,  sgiobair  luinge  a  ghabh  gaol  oirre 
a'  cheud  uair  a  chunnaic  e  riamh  i  air  Clutha 
ann  an  Glaschu.  Lean  esan  air  tighinn  'g 
a  faicinn  fad  choig  bliadhna,  an  dochas  gu'n 
tionndadh  an  sruth,  ach  ged  tha  seoladairean 
'nan  daoine  dochasach  thug  e  suas  a  dhiiil, 
is  phos  e  te  eile. 

Ged  nach  d'  fhag  a  h-athair  bonn-a-sia 
a  dh'  airgiod  aice,  dh'  fhag  e  dileab  eife 
aice,  taibhsearachd  no  an  da  shealladh — -ma 
dh'  fhaoidte  gu'n  abair  thusa,  a  leughadair, 
nach  'eil  ann  ach  rud  gun  tiir,  ach  tha  mise 
a'     creidsinn    gu    bheil    an    taibhsearachd 


dtithchasach,  agus  gur  h-ann  o  h-athair  a 
fhuair  Dora  an  da  shealladh. 

Goirid  an  deidh  dha  posadh  sheol  an 
sgiobair  a  dh'  Astralia,  a  dhol  a  Astralia 
gu  eilean  iomallach  a  dh'  iarraidh  luchd 
fiodha  a  bheireadh  e  do  Lunnainn.  Air  a 
thighinn  dhachaidh  bhruidhinn  e  ri  tigh- 
soluis  nach  'eil  cuimhne  agam  air,  agus  'n 
a  dheidh  sin  ri  bata  Frangach  eadar  Mauritius 
agus  Cape  Town.  Sin  an  sgeul  mu  dheireadh 
a  chualas  oirre. 

Air  an  deicheamh  latha  de  November, 
da  latha  an  deidh  do'n  luing  bruidhinn 
ris  a'  bhata  Fhrangach,  bha  Dora  'n  a 
suidhe  aig  an  uinneig  a'  fuaigheal  'nuair 
a  chuala  a  piuthar,  a  bha  ann  an  ceann  eile 
an  tighe,  i  ag  glaodhach  le  sgread  eagallach, 
"  Tha  i  air  dol  fodha,"  "'  Tha  i  air  dol 
fodha."  Leum  a  piuthar  suas  a  dh'  fhoigh- 
neachd  ciod  a  bha  cearr.  Bha  Dora  'n  a 
seasamh  a'  sealltuinn  a  mach  air  an  uinneig, 
agus  i  cho  ban  ri  breid,  a'  dur-amharc  air 
duine  a  bha  i  a'  faicinn  a'  tighinn  a  dh' 
ionnsuidh  an  doruis.  "  Cailean,"  ars  ise, 
"  agus  an  tie  air  a  thug  mi  dha  an  uiridh  ; 
cha  robh  du.il  agam  gu'm  biodh  e  air  ais 
na  bu  luaithe  na  tri  miosan  eile."  Dh' 
fhosgail  iad  an  dorus  ach  cha  robh  an 
sgiobair  ri  fhaicinn  shios  no  shuas  ;  chaidh 
e  as  an  t-sealladh  mar  gu'n  sluigeadh  an 
talamh  e. 

Chaidh  tri  miosan  agus  sia  miosan  agus 
bliadhna  agus  bliadhnachan  seachad  ach 
cha  d'  fhuaras  a  mach  riamh  ciod  a  dh' 
eirich  do'n  luing.  Bha  Ciiirt  air  a  dheanamh 
uimpe,  ach  ged  bha  seoladairean  air  an 
ceasnachadh  le  luchd-lagha  ;  cleirich  agus 
muinntir  Lloyds  air  an  cur  air  am  mionnan, 
agus  luchd-lagha  a'  leudachadh  fad  ceithir 
no  coig  a  dh'  uairean  air  nithean  nach  robh 
duine  air  bith  ag  aicheadh,  agus  a'  dorch- 
adradh  le  moran  bhriathran  nithean  a  bha 
soilleir  gu  leor,  b'  e  binn  na  Ciiirte  "  gu'n 
deachaidh  i  fodha  leis  an  sgioba  uile  ann  an 
aiteigin  nach  robh  fios  air,  agus  uaireigin 
an  deidh  dhi  bruidhinn  ris  a'  bhata  Fhran- 
gach,"   aon   eile    de    dhiomhaireachdan    na 


Bithidh  mise  air  uairean  a'  meamhrachadh 
'n  am  inntinn  fhein  air  "  diithchas,"  agus 
'sea  thug  Dora  gu  'm  chuimhne  an  drasd, 
gu'n  cuala  mi  gu  bheil  dithis  eile  de  shliochd 
Dhomhnuill  Mhartainn  aig  a  bheil  trogain 
ris  an  t-saoghal  neo-fhaicsinneach,  ogha 
dha  a  bhios  "  a'  faicinn  rudan,"  agus  ogha 
eile  (nighean)  a  tha  'n  a  "  medium  "  ann 
an  coinneamh  a  bhios  aig  na  spioradairean 
ann  an  Endor. 


Biadh  is  Ceol 


MA  tha  duine  eile  anns  a'  Ghaidhealtachd 
as  fhearr  a  dh'  innseas  naidheaclid  na 
Cailean  Domhnullach  bu  mhaith  learn  fhios 
a  bhi  agam  c6  e.  Am  measg  ar  sluaigh-ne 
bha  urram  riamh  air  a  thoirt  do  sheanchaidh 
maith,  agus  tha  Cailean  Domhnullach  'n 
a  sheanchaidh  cho  maith  's  nach  'eil  biith 
leabhraichean  an  Dun-eideann  anns  nach 
fhaic  thu  na  leabhraichean  aige  'n  an  staca 
air  a'  chunntar,  air  buird,  agus  anns  na 
h-uinneagan ;  Mac  Talla  nan  Oleann ; 
Siiil  air  Ais ;  Corra-chagailte,  agus  a  nis 
Cuimhneachain  air  a'  Ghaidhealtachd,  agus 
iarraidh  orra  mar  bha  air  leabhraichean 
Edgar  Wallace,  no  mar  tha  air  sliseagan 
buntata-bruich  ann  an  Tranent.  Chan  e 
mhain  gu  bheil  ealain  aige  air  naidheachd 
innseadh,  ach  tha  na  naidheachdan  a  th^ 
e  ag  innseadh  cho  grinn  agus  cho  glan  's 
nach  fag  gin  dhiubh  droch  bhlas  'n  ad 
bheul.  Sin  aon  de  na  comharraidhean  a 
tha  air  beatha  is  cainnt  is  abhacas  nan 
Gaidheal,  gu  bheil  iad  a'  tighinn  a  cridhe 
is  inntinn  dhaoine  anns  nach  'eil  salchar 
no  drabastachd,  ach  uaisle  is  grinneas  is 
geire  nadurra. 

Chan  'eil  na  Gaidheil  fulangach  air 
coigrich  a  bhi  a'  deanamh  dibhearsoin 
umpa,  ged  bhiodh  an  dibhearsoin  sin  cho 
laghach  agus  cho  neo-chronail  ris  a'  bhearra- 
daireachd  a  bhios  aca  'n  am  measg  fhein, 
ach  cha  do  ghabh  iad  riamh  cearr  e  o  Chailean 
Domhnullach  gu'm  bi  e  ag  innseadh  naidh- 
eachdan eibhinn  umpa,  oir  tha  fhios  aca 
gur  e  aon  dhiubh  fhein  a  tha  ann  ;  croitear 
agus  mac  croiteir  a  tha  suas  ris  gach  car 
no  cleachdadh  'n  am  beatha  ;  duine  tiirail 
gun  mheud-mhoi"  a  fhuair  air  aghaidh  le 
'airidheachd  agus  a  dhichioll  fhein  gu  bhi 
ann  an  dreuchd  air  Ciiirt  an  Fhoarainn, 
agus  nach  do  chaill  riamh  a'  bhaigh  nadurra 
a  tha  aige  ri  croitearan,  no  am  meas  agus 
an  gaol  a  tha  aige  air  muinntir  na,  Gaidh- 
ealtachd  agus  nan  Eileanan.  Anns  an 
leabhar  so  tha  e  ag  innseadh  gu'n  do  ghabh 
e  an  t-aiseag  do  na  h-Arcaibh  no  do  Sheal- 
tainn  (thairis  air  a'  Chaol  Arcach)  sia  fichead 
uair.  Chan  'eil  ploc  de'n  Ghaidhealtachd 
nach  aithne  dha,  no  muir  no  cuan  air  nach 
do  sheol  e  anns  na  bliadhnachan  a  bha 
a  ghnothuch  ris  na  croitearan,  a'  tachairt 
air  a  h-uile  seorsa  dhaoine,  air  chor  agus 
nach  bu  mhor  dhomh  a  radh  nach  'eil 
moran  beo  an  diugh  aig  a  bheil  uiread 
eolais  air  tuath  na  Gaidhealtachd,  no  aig 
a  bheil  cuimhne  cho  maith  air  na  nithean 


nuadh  agus  sean,  na  nithean  abhacach 
agus  neonach,  no  na  daoine  maith  agus  na 
daoine  cuilbheartach  a  thachair  ris  air  a 
thurusan. 

Sochairean  nan  croitearan 

Ann  am  feasgar  a  laithean  tha  Cailean 
Domhnullach  air  dol  air  ais  do'n  tigh  anns 
an  do  rugadh  e  agus  do'n  chroit  a  bha  aig 
athair, — -crannchur  cho  sona  's  a  mhiannaich- 
eadh  duine  'n  a  sheann  aois.  Ma  's  maith 
mo  chuimhne  b'  e  tigh  athar  tigh-ceilidh 
a'  bhaile,  ach  ged  nach  maireann  an  diugh 
"  Domhnull,"  no  "  Seumas,"  no  an  "  Saigh- 
dear,"  no  an  "  Taillear  Fada  "  no  an  luchd- 
ceilidh  eile  a  bhiodh  ag  innseadh  sgeulachdau 
an  laithean  oige,  tha  sgeulachdan  is  fiosrach- 
adh  aige  fhein  a  chumas  an  Ceilidh  a'  dol 
cho  fada  's  is  beo  e. 

Cha  mhor  gur  fhiach  e  ainmeachadh  na 
tha  a'  Ghaidhealtachd  a'  cur  ri  obair  no 
ri  biadh  na  rioghachd,  ach  air  a  shon  sin 
cha  robh  agus  chan  'eil  an  luchd-riaghlaidh 
cho  dearmadach  air  a'  Ghaidhealtachd  's 
a  bhios  moran  dhaoine  ag  radh,  agus  ged 
nach  deanadh  a'  Pharlamaid  dad  eile  air 
ar  son  ach  na  caochla  Achdan  a  rinn  i  air 
son  nan  croitearan  bu  mhor  sin  fhein. 
Tha  sochairean  aig  na  croitearan  nach 
'eil  aig  luchd-fearainn  eile  an  Albainn ; 
laghannan  a  tha  'g  an  dion  'n  an  dachaidhean 
agus  'n  an  croitean,  agus  anns  an  leabhar 
so  tha  Cailean  Domhnullach  ag  innseadh 
mu  chuid  de  na  laghannan  sin  ann  an  doigh 
a  tha  furasda  do'n  luchd-leughaidh  a 
thuigsinn. 

Co  a  gheibh  a'  chroit  ?  Sin  ceist  a  tha 
gle  thric  a'  deanamh  aimhreit  ann  an 
teaghlaichean,  agus  o'n  a  thug  lagh  na 
rioghachd  coir  do  chroitearan  a'  chroit 
a  thoirt  thairis  (le  aonta  an  uachdarain 
agus  Ctiirt  an  Fhearainn)  do  neach  air 
bith  a  thoilicheas  e  fhein,  no  a  thiomnadh 
a  dheanamh  agus  neach  sonruichte  ainmeach- 
adh ann  aig  a  bheil  e  'g  a  fagail,  bhiodh 
e  glic  do'n  h-uile  croitear  a  thiomnadh  a 
'dheanamh  gun  dail  a  chur  ann,  agus  a 
thiomnadh  a  bhi  air  a  dheanamh  le  fear- 
lagha,  los  a  bhi  cinnteach  gu'n  seas  e. 
Cha  toigh  le  moran  dhaoine  an  tiomnadh 
a  dheanamh,  na  's  mo  na  's  toigh  leo  urras 
a  chur  air  am  beatha,  an  diiil  gu  bheil  e 
mi-shealbhach,  ach  cha  toir  paipear-urrais 
agus  tiomnadh  a  bhi  agad  ann  an  seotal 
na  ciste  am  bas  aon  latha  na  's  dliiithe 
dhuit,    agus    bheir   iad   sith   is   taic    d'    ad 


BIADH  18  CEOL 


chairdean  an  deidh  do  bhais  an  aite  dragh 
is  aimhreit. 

Tha  e  air  a  radh  gur  cam  agus  gur  direach 
a  thig  an  lagh,  dubh-fhacal  a  tha  air  a 
mhineachadh  ann  an  iomadh  ciiis  a  thig 
air  beulaibh  Cuirt  an  Fhearainn.  Bu  nihaith 
leain  an  sgeul  so  a  tha  Cailean  Domhnullach 
ag  innseadh  a  chur  sios  air  an  duilleig 
so  mar  gu"m  b'  e  fhein  a  bha  "ga  innseadh 
ann  an  GaidhHg.  Ged  tha  aile  an  fhraoich 
agus  bias  na  GaidhHg  air  na  leabhraichean 
aige,  tha  iad  uile  air  an  sgriobhadh  ann  am 
Beiirla. 

DomhnuU  MacEacharn  agus  Mairi  a  bhean 

Bha  iad  comhla  air  a'  chroit  o  phos 
iad.  Chain  iad  an  aon  duine-cloinne  a 
bha  aca,  is  cha  bhi  an  tuilleadh  teaghlaich 
aca  oir  tha  iad  suas  ann  am  bHadhnachan. 
Ach  tha  iad  le  cheile  laidir  fallain,  is  faodaidh 
stiil  a  bhi  aca  gu'm  hi  iad  comhla  gu  sona 
iomadh  bliadhna  fhathast. 

Ach  la  a  bha  e  a  mach  a'  togail  nan  cliabh- 
ghiomach  fhuair  e  fuachd  o  dhroch  fhliuch- 
adh ;  thainig  am  fuachd  gu  pneumonia,  agus 
ann  am  beagan  uine  bha  Domhnull 
MacEacharn  marbh,  agus  Mairi  a  bhean 
'n  a  bantraich. 

Bha  na  coimhearsnaich  uile  coibhneil, 
a'  tairgsinn  dhi  gach  dochas  is  comhfhurtachd 
air  am  b'  urrainn  dhaibh  smuaineachadh. 
Theireadh  iad  rithe  gu'm  faodadh  i  bhi 
taingeil  gu'n  robh  dachaidh  chinnteach 
aice ;  an  dachaidh  sheasgar  a  bha  aig 
Domhnull  agus  aig  athair  roimhe  agus  aig  a 
sheanair  agus  aig  a  shin-seanair.  Gun 
teagamh  bha  e  'n  a  chomhfhurtachd  do 
Mhairi  nach  feumadh  i  a  dachaidh  fhagail, 
an  tigh  boidheach  seasgar  d'  an  d'  thug 
Domhnull  dhachaidh  i  an  uair  a  phos  iad. 

Cha  robh  i  air  a  fagail  lom  no  falamh  ; 
bha  Domhnull  dichiollach  agus  curamach, 
is  eadar  na  bha  e  a'  toirt  as  a'  chroit  agus 
a'  deanamh  air  giomaich,  agus  na  bha 
Mairi  fhein  a'  deanamh  air  cloth,  bha 
seachd  ceud  not  aca  anns  a'  bhanca. 

Cha  robh  Mairi  gun  taic  ann  an  seagh 
eile,  oir  bha  mac  peathar  do  Dhomhnull 
a'  fuireach  dlilth  dhi,  gille  laghach  a  bu 
toigh  leo  le  cheile,  agus  a  bhiodh  daonnan 
a'  tighinn  a  nail  'g  an  cuideachadh  an  uair 
a  bhiodh  feum  aca  air  cuideachadh.  Shealladh 
esan  as  deidh  obair  na  croite,  agus  chumadh 
e  siiil  air  na  caoraich,  agus  cha  bhiodh 
call  air  bith  dha  ann,   oir  nach  ann  aige 


fhein  a  dli'  fhagadh  i  a'  chroit  co  dhi^^bh. 

Mar    sin    cha    robh    ciiram  an    t-saoghail 

a'    cur    dragh    air   Mairi,    no  camadh    'n    a 

crannchur    ach    a    mhain    an  ionndrainn    a 
bha  aice  air  Domhnull. 

Ach  mios  an  deidh  bas  Dhomhnuill 
fhuair  i  an  litir  so  o  fhear-lagha  ann  an 
Glaschu. 

"  An  ainm  agus  as  leth  an  fhir  a 
tha  'g  am  shedladh,  Iain  MacEacharn, 
87,  Sraid  Millburn,  Glaschu,  tha  mi 
a'  cur  fios  chugaibh  gu  bheil  e  air  rabhadh 
a  thoirt  do  Chidrt  an  Fhearainn  gur 
esan  an  t-oighre  dligheach  aig  Domhnull 
MacEachran,  nach  maireann,  an  duine 
agaibhse,  agus  ag  iarraidh  air  a'  Chuirt 
so  a  dhaingneachadh  le  h-ughdarras. 

A  thaobh  's  nach  'eil  teagamh  air 
bith  gur  e  Iain  MacEacharn  an  fhior 
oighre  aig  Domhnull  MacEacharn,  agus 
gu  bheil  e  'na  bheachd  sealbh  a  ghabhail 
anns  an  tigh  agus  anns  a'  chroit  cho 
luath  's  a  ghabhas  sin  deanamh,  bhithinn 
'n  ur  comain  na'  n  cuireadh  sibh  fios 
chugam  gu'm  bi  e  freagarrach  dhuibh 
an  tigh  agus  a'  chroit  fhagail  an  iiine 
nach  bi  fada — air  a'  chuid  as  fhaide 
aig  an   Fheill  Martainn." 

An  uair  a  leugh  Mairi  an  litir  so  cha  mhor 
gu'n  creideadh  i  a  suilean.  An  tigh  agus 
a'  chroit  fhagail !  Co  am  burraidh  a  thainig 
sin  'n  a  cheann  ?  Nach  b'  ann  le  Domhnull 
a  bha  an  tigh !  Nach  e  fhein  a  thog  e  as 
iir,  agus  nach  e  a  rinn  an  garradh,  agus 
gach  mathachadh  eile  a  bha  air  a  dheanamh 
air  a'  chroit !  Agus  nach  b'  ise  bantrach 
Dhomhnuill,  agus  rud  air  bith  a  bha  aig 
Domhnull  nach  b'  ann  leatha-se  e  a  nis ! 
Litir  gun  tiir  ;  miomhadh  fir-lagha,  agus 
sannt  Iain  Mhic  Eacharn ! 

An  uair  a  thainig  a'  chuis  air  beulaibh 
Ctiirt  an  Fhearainn  b'  fheudar  dhaibh 
Mairi  a  chur  as  a  beachd  agus  innseadh 
dhi  gu'm  feumadh  i  a'  chroit  agus  an  tigh 
fhagail  a  reir  an  lagha,  a  chionn  gu'm  b'e 
Iain   MacEacharn   an   t-oighre. 

Ach  dh'  fhaodadh  cor  Mairi  a  bhi  na 
b'  fhearr  na'n  do  rinn  an  duine  aice  tiomnadh. 

Tha  moran  de  sheanchas  pongail  agus 
dg  naidheachdan  aighearach  anns  an  leabhar 
so,  ach  na's  fhearr  na  sin  tha  eolas  agus 
fiosrachadh  ann  a  tha  feumail  do  chroitearan 
agus  do  thuathanaich  agus  do  na  planners. 


Aireamh  lo 


1949 


Gun  iarraidh  air 

Agus  thoisich  iad  air  g.uidhe  air  imeachd  a  mach  as  an  crlochan.—Marc.  v.  7. 


'S  e  naidheachd  neonach  a  tha  an  soisgeul- 
aiche  Marc  ag  innseadh  mu  na  nithean 
a  thachair  ann  an  duthaich,  nan  Gadarenach  ; 
duine  as  a  rian  a  dh'  fhemnadh  a  bhi  air 
a  cheangal  air  eagal  gu'n  deanadh  e  cron 
dha  fhein  no  do  dhaoine  eile,  air  a  leigheas 
le  losa,  a  thilg  spiorad  neoghlan  a  mach 
as,  agus  an  sin  a  thug  cead  do  na  deamhain 
a  thilg  e  mach  as  dol  ann  an  trend  mhuc  a 
bha  ag  ionaltradh  air  slios  na  beinne,  agus 
a  ghabh  a  leithid  de  sgaoim  's  gu'n  deachaidh 
iad  sios  leis  a'  bhruthach  purraich  air 
tharraich  air  muin  a  cheile  gus  an  robh 
iad  air  an  tachdadh  anns  an  fhairge. 

Naidheachd  neonach  da-rireadh,  cho 
neonach  's  gu'n  tog  i  amharus  'n  ad  inntinn 
gu'n  deachaidh  amladh  air  choreigin  a  chur 
innte  leis  an  fheadhainn  a  dh'  innis  i  an 
toiseach,  ach  cha  robh  de  bhuaidh  aig  na 
h-ionghnaidhean  a  thachair  ann  an  tir 
nan  Gadarenach  air  inntinnean  an  t-sluaigh 
ach  gu'n  do  ghuidh  iad  air  losa  an  diithaich 
fhagail.  Duine  cunnartach  !  Co  aige  a  bha 
fhios  ciod  a  dh'  fhaodadh  tachairt  ann  am 
baile  no  ann  an  tigh  a  ghabhadh  ris  mar 
aoigh  ? 

Call  is  buannachd 

Tha  Criosd  daonnan  a'  toirt  call  is  buan- 
nachd far  a  bheil  e  a'  teachd ;  chan  e  call  a 
mhain  no  buannachd  a  mhain,  ach  an  da 
chuid.  "  Chuireadh  an  leanabh  so  chum 
tuiteam  agus  eirigh  mhoran  ann  an  Israel." 
Bu  mhor  a'  bhuannachd  agus  a'  bheannachd 
gu'n  robh  an  duine  anns  an  robh  an  spiorad 
neoghlan  air  a  leigheas  agus  a  nis  aig  a 
chiall.  Bha  sin  'na  aobhar  taingealachd, 
is  dheanadh  na  coimhearsnaich  gairdeachas 
maille  ri  cairdean  an  duine  a  bha  as  a  rian, 
ach  air  an  laimh  eile  bha  da  mhile  muc 
air  am  bathadh,  mucan  a'  bhaile  a  bha  ag 
ionaltradh  air  a'  chaitcheann.  Bha  e  air  a 
radh  gur  e  losa  a  chuir  na  deamhain  anns 
na  mucan,  agus  mar  sin  ghuidh  iad  air  an 
criochan  fhagail. 

An  ni  a  bha  ann,  is  e  an  ni  sin  a  tha  ann 
fhathast  ;  cuid  ag  iirnuigh  gu  dtirachdach 
gu'n  tigeadh  Criosd  'g  an  ionnsaigh  agus 
gu'm  fanadh  e  maille  riu,  agus  cuid  eile 
leis  am  b'  fhearr  gu'm  falbhadh  e  bhuapa 


gun  a  bhi  cur  bior  'n  an  coguis  no  an-fhois 
'n  an  anam.  "  Imich  romhad  an  trath  so  ; 
an  uair  a  bhios  iiine  agam,  cuiridh  mi  fios 
ort."  Tha  daoine  car  coltach  ri  cheile' 
anns  a  h-uile  linn,  agus  air  feadh  an  t-saoghail 
uile. 

Car  son  a  dh'  iarr  iad  air  am  fagail  ? 
Dh'  iarr  a  chionn  gu'n  robh  feurach  nam 
muc  buannachdail  dhaibh,  ged  nach  robh 
e  laghail  dhaibh  a  bhi  a'  gleidheadh  agus 
a'  biathadh  agus  a'  malairt  mhuc  air  fearann 
a  bu  le  Dia  agus  a  thug  e  d'  a  shluagh  taghta. 
Saoilidh  sinn  gu'n  deanamaid  beatha 
Chriosd  agus  gu'n  gabhamaid  ris  le  h-iolach, 
na'n  tigeadh  e  air  ais  a  dh'  Albainn  an 
diugh  ;  saoilidh  sinn  gu'n  deantadh  saor- 
bhiiirdeasach  dheth  an  Dim-eideann  agus 
an  Glagchu,  agus  gu'm  faigheadh  e  aoigh- 
eachd  anns  a  h-uile  dachaidh  's  an  tir. 
Saoilidh  sinn  nach  bitheamaid  cho  coimheach 
ris  's  a  bha  na  Gadarenaich  ;  gun  abramaid 
ris  "  Fan  maille  ruinn  agus  rioghaich  thairis 
oirnn,  agus  dean  ruinn  mar  a  chi  thu  iomch- 
uidh." 

Ach  tha  Criosd  ann  an  Albainn  aig  an 
dearbh  uair  so,  cho  cinnteach  's  a  bha  e 
ann  an  Galile  ann  an  laithean  fheola.  A 
h-uile  la  tha,  e  a'  tighinn  'g  ar  n-ionnsuidh, 
ann  an  iomadh  cruth,  agus  tha  sinn  'g 
a  aithneachadh,  ach  bidh  sinn  a'  guidhe 
air  ar  fagail,  chan  ann  a  chionn  nach  'eil 
sinn  a'  creidsinn  gu'm  bu  mhaith  dhuinn 
agus  gu'm  bu  shona  dhuinn  e  bhi  maille 
ruinn  a  Luan  agus  a  Dhomhnach,  ach  a 
chionn  gu  bheil  eagal  oirnn  gu'n  deanadh 
a  chompanas  naomh  ar  beatha  !n  a  h-uallach 
dhuinn,  agus  gu'n  tugadh  e  oirnn  companaich 
eile  a  thoirt  suas  anns  a  bheil  mor  thlachd 
againn. 

Chan  'eil  a  bheag  de  naidheachdan  anns 
a'  Bhiobull  as  tarbhaiche  chum  teagaisg 
anns  a'  bheatha  dhiadhaidh  na'n  naidheachd 
a  dh'  innis  Lucas  mu  Shacheus.  An  uair 
a  thuirt  Criosd  ris  "A  Shacheuis,  is  eigin 
domhsa  stad  an  diugh  aig  do  thigh,"  b'e 
a'  cheud  smuain  a  leum  ann  an  inntinn  a' 
chis-mhaoir  gu'm  feumadh  e  bhi  'n  a  dhuine 
na  b'  fhearr,  agus  air  ball  thoisich  e  air  a 
thigh  a  chur  an  ordugh.  Thainig  e  a  steach 
air  gu'm  feumadh  e  a  bhi  'n  a  dhuine  onarach 


GUN  lARRAIDH  AIR 


agus  rucl  air  bith.  a  thug  e  o  dhaoine  eile 
gu  h-eucorach  a  thoirt  air  ais  dhaibh.  A 
thuilleadh  air  sin  thuirt  e  gu'n  tugadh 
e  leth  a  mhaoin  do  na  bochdan.  Bha  fhios 
aige  nach  b'urrainn  cairdeas  no  comh- 
chordadh  a  bhi  eadar  Criosd  agus  e  fhein 
mur  biodh  e  'na  dhuine  maith,  agus  mur 
dealaicheadh  e  ri  companaich  eile  a  bheireadh 
oilbheum  do  Chriosd.  Bu  leir  do  Chriosd 
a  chridhe,  agus  cho  luath  's  a  chunnaic 
e  na  snutaintean  sin  agus  na  ruintean  sin 
ag  eirigh  'n  a  chridhe,  thuirt  e  ris  "  Thainig 
slainte  an  diugh  a  dh'ionnsuidh  do  thighe-sa." 

An  uair  a  tha  Criosd  a'  labhairt  ri  coguis 
duine,  ag  iarraidh  air  esan  a  leantuinn, 
agus  a  tha  an  duine  sin  an  iom-chomhairle, 
a'  cur  dail  'n  a  iimhlachd,  agus  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  a  thionndas  e  air  falbh  o 
Chriosd,  is  ion  dha  a  bhi  tursach  ;  ach  an 
uair  a  thachras  sin,  is  ann  gle  annamh  a 
tha  an  t-aobhar  anns  an  inntinn  no  anns  a' 
choguis,  tha  e  mar  is  trice  anns  an  toil, 
no  ann  an  droch  chleachdadh,  no  ann  am 
peacadk  diomhmr.  Chan  'eil  e  toileach 
roghainn  a  dheanamh  eadar  Criosd  agus 
nithean  eile,  ach  o  thoiseach  gu  deireadh 
a.'  Bhiobuill  chi  thu  gur  e  Roghainn  ainm 
a'  gheata  a  tha  treorachadh  gu  Slainte  agus 
gu  Dia. 

An  ionghnadh,  ma  ta,  gu  bheil  Eoin  ag 
radh  gur  e  cuibhrionn  ghealtairean  an  teine 
as  e  an  dara  bas  ?  Oir  is  e  f  ior  chomharradh 
a'  ghealtair  nach  urrainn  dha  roghainn  a 
dheanamh.  Tha  e  daonnan  eadar-dha- 
bharail,  cas  a'  falbh  is  cas  a'  tighinn,  a 
chionn  nach  e  aon  inntinn  a  tha  aige  ach 
da  inntinn  ;  inntinn  dhubailte,  air  a  luasgadh 
a  null  's  a  nail,  an  diugh  fo  ainm  Chriosd 
agus  am  maireach  'ga  aicheadh.  Na  saoileadh 
an  duine  neo-sheasmhach  sin  gu'm  faigh  e 
ni  air  bith  o  Dhia.  Oir  is  ionmhuinn  le 
Dia  an  fhirinn  anns  an  taobh  a  stigh,  agus 
chan  'eil  duine  'n  a  dhuine  fior  gus  a  bheil 
e  anns  an  aon  daimh  do  Chriosd  agus  anns 


an  aon  inntinn  a  thaobh  Chriosd  a  h-uile 
latha. 

Chan  aoigh  Criosd  a  tha  e  furasda  do 
dhuine  peacach  a  bhi  aig  fois  no  aig  saorsa 
'n  a  chomunn.  "  Thigibh,  faicibh  duine  a 
dh'  innis  dhomhsa  na  h-uile  nithean  a  rinn 
mi  riamh."  An  abradh  tu  nach  biodh  fiamh 
ort  'n  a  lathair,  agus  gu'm  b'  fhearr  leat 
gu'm  fagadh  e  do  thigh.  An  duine  a  tha 
fhios  aige  gu  bheil  na  tri  tighean-oil  aige 
fhein  a'  sgrios  ficheadan  de  theaghlaichean  a 
h-uile  bliadhna,  a  tha  Criosd  agus  a  choguis 
ag  iarraidh  an  toirt  suas  air  sgath  anama, 
agus  a  tha  a'  miichadh  a  choguis  agus  a' 
leantuinn  air  a  chionn  gu  bheil  reic  na 
dibhe  buannachdail  dha,  ciod  a  tha  e  a' 
deanamh  ach  mar  rinn  na  Gadarenaich, 
ag  iarraidh  air  Criosd  imeachd  a  mach  as  a 
chriochan. 

Criosd  air  neo  sud  ;  Criosd  air  neo  so  ; 
feumar  an  roghainn  a  dheanamh  ;  roghainn 
eadar  esan  agus  companaich  eile  ;  eadar 
esan  agus  ni  no  neach  air  bith  nach  'eil 
e  a'  beannachadh.  Chan  fhan  Criosd  ann  an 
tighean  anns  a  bheil  aimhreit  no  tapaid, 
no  ann  an  cridheachan  anns  a  bheil  farmad, 
no  fuath,  no  gamhlas,  no  magadh.  Ma  tha 
e  a'  taladh  agus  a'  tarruing  cuid  de  dhaoine 
'g  a  ionnsuidh  tha  feadhainn  eile  a'  faotainn 
oilbheum  ann,  no  mar  a  dh'  fhaodadh  e 
bhi  air  a  chur  na  bu  laidire,  tha  iad  a' 
gabhail  grain  air.  Tha  e  dhaibh  mar  fhreumh 
a  talamh  tioram,  gun  ghrinneas  ;  chan  'eil 
iad  a'  faicinn  maise  air,  gu'n  iai'radh  iad 
e,  agus  cha  chuir  e  duilichinn  orra  gu'm 
falbhadh  e  bhuapa.  Ach  is  e  an  riid  as 
muladaiche  anns  an  naidheachd  so,  an 
uair  a  ghuidh  iad  air  Criosd  imeachd  a 
mach  as  an  criochan,  gu'n  d'  fhalbh  e.  Cha 
do  reusonaich  e  riu,  is  cha  do  rinn  e  pliodair- 
eachd  riu  ;  ghabh  e  iad  aig  am  facal,  is 
dh'  imich  e  a  mach  as  an  criochan.  Sin 
mar  tha  daoine  a'  diiiltadh  le  comhairle 
shuidhichte   tiodhlac   Dhe. 


Anns  a'  Chathair 


TIM  agus  Siorruidheachd  ;  an  saoghal  so 
agus  an  saoghal  eile,  tha  e  duilich  a  radh 
an  diugh  ciod  a  tha  daoine  a'  creidsinn  mu 
neamh  agus  mu  ifreann,  mu'n  bhreitheanas 
agus  mu'n  bheatha  mhaireannaich.  Tha 
e  duilich  a  radh  c'  aite  a  bheil  a  seasamh 
aig  an  eaglais  fhein.  An  uair  a  bhios  mi 
a'  leughadh  an  Tiomnaidh  Nuaidh  leam 
fhein,  bidh  sgail  an  t-saoghail  eile  a'  tuiteam 
thairis  orm,  is  bidh  mi  a'  faireachduinn 
nach  ann  air  na  nithean  a  tha  faicsinneach 


agus  aimsireil  a  bu  choir  mo  shiiil  agus 
m'  aire  a  bhith  ach  air  Dia  agus  air  an 
t- saoghal  shiorrl^idh.  Ach  an  uair  a  dh' 
eisdeas  mi  ri  guthan  a  bhios  a'  tighinn 
chugam  air  an  adhar,  no  chluinneas  mi  cuid 
d'  am  bhraithrean  a'  labhairt  anns  a' 
chubaid,  cha  mhor  nach  toir  iad  orm  a 
chreidsinn  nach  'eil  annam  ach  Criosduidh 
bochd  nach  'eil  a'  tuigsinn  an  Tiomnaidh 
Nuaidh,  no  Criosd,  no  Pol ;  duine  dall  a 
tha  'g  a  mhealladh  fhein,  a'  smuaineachadh 


AI^NS  A'  CHATHAIR 


air  na  h-aitean-c6mhnuidh  a  tha  aig  ar 
n-Athaii'  a  tha  air  neamh,  an  uair  a  bu 
choir  dhomh  a  bhi  mach  le  ord  agus  spain- 
aoil  a  thogail  bhungalows  do  dhaoine  a  tha 
na's  comasaiche  air  an  togail  na  mi  fhein. 

Tha  eagal  air  roinn  mhaith  de  mhinistearan 
an  diugh,  agus  air  kichd-aideachaidh  agus 
oigridh,  gu'n  saoil  daoine  gu  bheil  iad  a' 
socruchadh  an  cridheachan  air  "  tir  Immanuel 
shuas  "  an  aite  a  bhi  deanamh  na  beatha 
so  na's  comhfhurtachaile  do'n  mhoran. 
Na'nrachadh  aca  air  cogadh  agus  bochdainn 
a  chur  as,  agus  cuing  na  h-oibre  a  chur 
dhiubh,  bu  mhaith  an  neamh  leo  sin  ;  neamh 
a   b'  I'hearr  na  fois  shiorruidh  nan  naomh. 

Mur  bheil  sinn  a'  dol  a  mharsainn  ach 
tri  fichead  bliadhna  's  a  deich,  agus  an 
sin  a'  dol  a  bith  mar  nach  robh  sinn  riam.h 
ann,  bu  leor  dhuinn  a'  chrioch  araid  so  a 
chur  romhainn,  ar  laithean  air  thalamh 
a  dheanamh  cho  sona  agus  comhfhurtachail 
's  a  b'urrainn  dhuinn,  ag  itheadh  's  ag  61. 
Ach  mur  bheil  'n  ar  beatha  anns  an  t-saoghal 
so  ach  a'  cheud  cheum  ann  am  beatha  a 
mhaireas  gu  brath,  nach  abradh  tu  gu'm 
biodh  e  glic  dhuinn  curam  a  bhi  oirnn  mu'n 
t-saoghal   shiorruidh. 

An  Creideamh  Ciiosduidh 

Co  air  bith  a  theagaisgeas  rud  eile,  chan 
'eil  teagamh  air  bith  nach  'eil  an  saoghal 
eile  agus  a'  bheatha  mhaireannach  air  am 
figheadh  agus  air  am  fuaigheal  ^.nns  a' 
Chreideamh  Chriosduidh,  mar  tha  dluth 
is  inneach  ann  an  clodh.  Gearr  a  mach  as  an 
Tiomnadh  Nuadh  na  tha  ann  mu'n  t-saoghal 
eile,  agus  chan  e  soisgeul  Chriosd  a  bhios 
air  fhagail  ach  soisgeul  eile.  "  Tha  ar 
dachaidh,"  tha  Pol  ag  radh,  "  ann  an 
neamh."'  Tha  gu  leor  de  dhaoine  ann  (agus 
daoine  niaith  cuideachd)  nach  'eil  a'  creidsinn 
gifm  bi  an  t-anam  beo  an  uair  a  dh'  fhagas 
a  II  anail  an  corp  ;  na  daoine  a  tha  ag  iarraidh 
an  seorsa  dearbhaidh  a  riaraicheas  an 
t-siiil  agus  an  inntinn  agus  an  reuson. 
Tha  daoine  eile  ann  a  tha  caoin-shuarach 
(u)  dhiubh  a  tha  no  nach  'eil  saoghal  eile 
ann  do  dh'  anama  fa  leth.  Their  iad  nach 
e  an  dulne  no  an  t-anam  a  tha  neo-bhasmhor 
ach  an  cinne-daonna.  Ma  bu  mhaith  leat 
a  bhi  beo  an  deidh  do  bh^is  dean  obair 
a  bhios  buannachdail  do'n  t-saoghal  agus 
a  chumas  t'  ainm  air  chuimhne  ;  fag  aig 
an  ath  ghineal  ni-eigin  a  ni  an  saoghal 
na's  fhearr  dhaibh  na  bha  e  an  uair  a  thainig 
tu  ann. 

Tha  daoine  eile  ann  (daoine  maith  cuid" 
eachd)  air  a  bheil  eagal  gu'm  bi  iad  beo 
gu  siorruidh.  Chan  'eil  dochas  na  beatha 
maireannaich   'n  a   sholas   no    'n   a   chomh- 


fhurtachd  dhaibh  ach  'n  a  chuis-eagail. 
Ged  bu  mhaith  leo  am  bas  a  chumail  air 
falbh  bhuapa  greis  cha  bu  mhaith  leo  a 
bhi  beo  gu  siorruidh.  Bhiodh  iad  toilichte 
gu  leor  mur  duisgeadh  iad  gu  brath  as  an 
cadal  deireannach. 

Fianuis  na  h-eaglais 

Ach  f  aodar  na  guthan  sin  agus  na  f  ianuisean 
sin  a  chur  an  dara  taobh  agus  eisdeachd 
ri  fianuis  na  h-eaglais  Chriosduidh  troimh 
na  linntean,  ag  aideachadh  a  creidimh  ann 
an  aiseirigh  nam  marbh  agus  anns  a'  bheatha 
mhaireannaich  anns  an  t-saoghal  ri  teachd. 
Sin  dochas  na  h-eaglais,  agus  an  dochas  a 
bha  air  a  dhaingneachadh  le  Criosd  do 
shluagh  Dhe.  Cha  ghabh  dochas  dearbhadh  ; 
na'n  gabhadh,  cha  bu  dochas  e  na  b'  fhaide, 
ach  tha  an  dochas  so  a  bha  air  a  chur  an 
aoraibh  a'  chinne-daonna  le  Dia,  air  alt  rum 
gineal  an  deidh  gineil  leis  na  naoimh,  agus 
air  a  sheulachadh  le  facal  agu3  gealladh 
Chriosd  cho  cinnteach  agus  cho  daingean 
ri  righ- chat  hair  Dhe.  Tha  daoine  a'  creidsinn 
anns  a'  bheatha  mhaireannaich  agus  anns 
an  ath  shaoghal,  chan  ann  a  chionn  gu'n 
teid  aca  air  a  dhearbhadh  ;  tha  iad  a' 
feuchainn  ri  dhearbhadh  a  chionn  gu  bheil 
iad  cheana  a'  creidsinn  ann,  agus  nach 
urrainn  dhaibh  gun  a  bhi  creidsinn. 

Is  e  spiorad  an  duine  anail  bheo  an 
Tighearn.  Mur  bheil  an  anail  bheo  sin  ann 
ciod  is  fhearr  e  na  cuileag  no  fionnan-feoir. 
Ciod  e  mac  an  duine  ;  ainmhidh  no  spiorad 
neo-bhasmhor,  uir  na  talmhainn  no  anam 
air  a  bheil  iomhaigh  Dhe  1  Mur  bheil 
annainn  ach  an  uir  agus  corp  talmhaidh 
chan  e  mhain  nach  biodh  feum  ann  dhuinn 
a  bhi  a'  bruidhinn  air  an  dochas  so,  ach 
bhiodh  e  do-thuigsinn  ciamar  no  car  son 
a  tha  sinn  a'  bruidhinn  uime  idir. 

Chan  'eil  e  ceart  dhuinn  a  bhi  a'  teagasg 
do  chloinn  gu  bheil  anam  aca  ;  is  e  bu 
choir  dhuinn  a  theagasg  dhaibh  gur  spiorad 
iad  ach  gu  bheil  corp  aca  leis  a  bheil  e 
comasach  do'n  spiorad  sin  e  fhein  a  noehdadh, 
anns  an  t-saoghal  so.  Is  e  an  spiorad  no  an 
t-anam  an  fhior  dhuine,  a  bhios  beo  an 
deidh  d'a  chorp  cn^mh  anns  an  uir. 

Anns  an  Tiomnadh  Nuadh  chan  'eil  am 
facal  a'  bheatha  mhairean7iach  a'  ciallachadh 
an  ni  air  am  bi  na  feallsanaich  a'  bruidhinn, 
neo-bhasmhorachd  an  anama ;  tha  e  a' 
ciallachadh  a'  ghne  beatha  a  tha  aig  creidmh- 
ich  ann  an  Criosd,  a'  bheatha  a  bha  ann 
fhein,  a'  bheatha  as  fhiach  beatha  a  radh 
rithe  ;  a'  bheatha  a  tha  ri  fhaotainn  ann 
an  co-chomunn  an  anama  ri  Dia.  Sin  a' 
bheatha  nach  'eil  buaidh  aig  a'  bhas  thairis 


4 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Am  brat  tiugh 

Tha  brat  tiugh  eadar  an  saoghal  so  agus 
an  saoghal  eile,  air  chor  agus  nach  'eil 
fhios  againn  ciod  a  tha  feitheamh  oirnn 
air  an  taobh  thall.  Ach  ged  a  dh'  fhaodadh  e 
bhi  diomhain  dhuinn  a  bhi  a'  smuaineachadh 
idir  air  nithean  a  tha  os  cionn  ar  n-eolais, 
tha  mi  an  diiil  nach  'eil  e  peacach  no  cearr 
dhuinn  a  bhi  a'  cur  cheistean  mu  chuid 
de  na  nithean  sin.  Thuirt  Pol,  "  Cha  b'  aill 
learn  sibh  a  bhi  aineolaeh,  a  bhraithrean, 
a  thaobh  na  muinntir  sin  a  tha  'n  an  cadal," 
ach  ged  a  thog  e  cirb  bheag  de'n  bhrat  cha 
d'  innis  e  moran  dhuinn. 

C  aite  a  bheil  na  mairbh  eadar  uair  am 
bais  agus  la  a'  bhreitheanais  ?  Tha  an 
diadhair,  Augustin,  ag  radh  gu  bheil  anama 
dhaoine  eadar  la  am  bais  agus  la  na  h- 
aiseirigh,  air  an  gleidheadh  ann  an  ionadan- 
tasgaidh  diomhair  a  reir  mar  tha  iad  a' 
toilltinn  fois  no  pian.  Ann  an  sgriobh- 
aidhean  nan  aithrichean  bhiodh  iad  a' 
bruidhinn  mu'n  staid  mheadhonaich,  leis  an 
robh  iad  a'  ciallachadh  an  staid  a  tha  air  a 
h-ainmeachadh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh 
agus  ann  an  teagasg  Chriosd  mar  Pharras 
no  Broilleach  Abrahaim,  dealaichte  o  neamh 
agus  o  ifreann.  Ach  a  nis  leigeadh  an  Staid 
Mheadhonach  so  as  an  t-sealladh  uile  gu 
leir,  leis  an  eagal  a  bha  air  an  eaglais  Ath- 
leasaichte  roimh  Bhurgatoir  nam  Papanach. 

A  bheil  mothachadh  aig  anama  eadar 
bas  agus  breitheanas,  no  a  bheil  iad  'n  an 
cadal  ?  A  bheil  iad  a'  fas  ann  an  eolas 
agus  na's  freagarraiche  air  Dia  fhaicinn  ? 

Tha  Leabhar  Aithghearr  nan  Cqist  ag 
radh  "  gu  bheil  anama  nan  creidmheach 
ri  h-am  bais  air  an  deanamh  iomlan  ann  an 
naomhachd,  is  air  ball  a'  dol  gu  gloir  ; 
agus  gu  bheil  an  cuirp,  air  dhaibh  a  bhi 
sior-cheangailte  ri  Criosd,  a'  gabhail  fois 
'n  an  uaighibh  gvi  ruig  an  aiseirigh."  Bha 
sin  air  a  sgriobhadh  a  dh'  fhuasgladh 
cheistean  a  bha  daoine  diadhaidh  a'  faigh- 
neachd,  ach  tha  an  fhreagairt  a'  togail 
cheistean  eile  nach  'eil  solus  ri  chur  orra  o 
fhacal  Dhe.  Ach  c6  a  dh'  aireamhadh  am 
mor-shluagh  anns  na  ginealan  a  dh'  fhalbh 
a  fhuair  comhfhurtachd  agus  dochas  o  na 
briathran  sin,  anama  nan  creidmheach  air  an 
deanamh  iomlan  ann  an  naomhachd  a'  dol 
gu  gloir.  An  uair  a  bha  an  t-Ollamh  Alasdair 
Whyte,  an  Diin-eideann,  'n  a  sheann  duine, 
agus  sgriobhadh  litrichean  air  fas  'n  a 
uallach  dha,  sgriobh  e  gu  Morair  Alanais  air 
cairt-phosta,  an  uair  a  shiubhail  a  mhathair, 
"  Tha  anama  nan  creidmheach  aig  uair  am 
bais  air  an  deanamh  iomlan  ann  an  naomh- 
achd   ." 


Glanadh  tre  fhulangas 

Tha  eaglais  na  Roimhe  a'  teagasg  gu 
bheil  anama  nam  marbh  a'  dol  troimh 
chiirsa  glanaidh  agus  naomhachaidh  an 
deidh  am  bais  a  chionn  nach  'eil  eadhon 
na  naoimh  maith  gu  leor  a  dhol  do  neamh 
no  aghaidh  is  gloir  Dhe  fhaicinn.  Tha 
duine  an  sud  agus  an  so  am  measg  Phros- 
tanach  a'  creidsinn  ann  am  Purgatoir,  ach 
rud  neonach,  ged  tha  na  Papanaich  a' 
creidsinn  nach  'eil  neach  air  bith  airidh 
air  dol  do  neamh  gun  bhi  air  a  smachdachadh 
is  air  a  ghlanadh  le  pian  ;  tha  na  Prostanaich 
a'  creidsinn  ann  am  Purgatoir  a  chionn  gu 
bheil  iad  an  dtiil  nach  'eil  neach  air  bith 
cho  dona  no  cho  aingidh  's  gu  bheil  e  a' 
toilltinn  if r inn.  Agus  gu  bhi  a'  lughdachadh 
uamhasan  ifrinn  bu  mhaith  leo  a  chreidsinn 
gu  bheil  aite-peanais  ann  as  am  faigh  duine 
a  mach  uaireigin,  an  uair  a  tha  e  air  a 
ghlanadh  le  fulangas  agus  pian.  Chan  'eil 
eaglais  na  h-Alba  a'  toirt  gniiis  do'n  teagasg 
gu  bheil  eifeachd  ann  an  urnuighean  air 
son  nam  marbh,  no  gu  bheil  an  cleachdadh 
sin  sgriobturail,  agus  cha  mho  a  tha  i  a' 
toirt  gniiis  do'n  dochas  gu'm  faigh  peacaich 
nach  do  rinn  aithreachas  anns  an  t-saoghal 
so  cothrom  eile  anns  an  ath  shaoghal,  ach 
air  a  shon  sin  tha  duine  an  sud  agus  an 
so  ann  an  eaglais  na  h-Alba,  mar  tha  iad 
anns  a  h-uile  eaglais  fo'n  ghrein,  a  bhios 
ag  iirnuigh  air  son  luchd-gaoil  a  tha  marbh, 
agus  a  tha  ag  altrum  dochais  a  thaobh 
dhaoine  a  bha  neo-chiiram.ach  anns  a' 
bheatha  so  gu'n  toir  Dia  'n  a  throcair 
cothrom  eile  dhaibh  a  bhi  air  an  saoradh 
o  phiantan  ifrinn  gu  siorruidh.  Cha  bhiodh 
feum  air  bith  ann  do'n  eaglais  beachd  no 
cleachdadh  de'n  t-seorsa  so  a  thoirmeasg 
oir  is  ann  o  ghaol  agus  o  ionndrainn-ghaoil  a 
tha  iad  ag  eirigh,  agus  ni  an  gaol  a  thoil 
fhein  ciod  air  bith  a  their  Papa  no  Cleir. 

Ann  am  bliadhnachan  a'  chogaidh  thoisich 
sluagh  gun  aireamh  air  iirnuigh  air  son  nan 
gillean  a  bha  ann  an  cunnart,  agus  lean  iad 
air  iirnuigh  a  dheanamh  air  an  son  an  deidh 
dhaibh  a  bhi  marbh,  a  chionn  gu'n  robh 
iad  cho  dliith  dhaibh  agus  cho  gaolach  's 
a  bha  iad  riamh.  Mur  h-ann  o  fhaireachduinn 
cheart  agus  dhiadhaidli  a  thainig  an  t-iarrtus 
sin  'nan  cridhe,  an  abradh  tu  gur  e  Satan  a 
chuir  'n  an  ceann  a  dheanamh  ?  Sin  aon 
rud  nach  do  rinn  Satan  riamh,  fear  no 
bean,  athair  no  mathair,  a  chur  air  an 
gliiinean  a  dh'tirnuigh. 

So  te  de  na  h-iirnuighean  a  bhiodh  aig 
an  duine  dhiadhaidh,  an  t-011am.h  Iain 
Keble,  ministear  cho  naomh  's  a  bha  riamh 
anns  an  Eaglais  Shasunnaich  :    "  Cuimhnich^ 


ANNS  A'  fiHATHAIR 


a  Thighearna,  do  sheirbhisich  a  thriall  as  a' 
bheatha  so  ann  an  Criosd  :  thoir  dhaibh 
fois  shiorruidh  agus  sith  ann  ad  rioghachd 
neamhaidh,   agus  thoir  dhuinne  an  tomhas 


sin  de  cho-chomumi  riu  a  tha  maith  dhninn. 
Deonaich  gu'n  dean  sinn  seirbhis  dhtiit, 
gun  naire  gun  pheacadh,  a  reir  do  thoile, 
tre  losa  Criosd,  ar  Tighearna." 


Fo  Chraobh  Sheudair 


CHAN  'eil  e  mar  fhiachaibh  oirnn  ann  an 
Eaglais  na  h-Alba  laithean  naomh  agus 
feilltean  na  h-Eaglais  a  choimhead,  ach 
air  a  shon  sin  bhiodh  e  glic  dhuinn  a  dhean- 
amh.  Cha  robh  e  air  a  dheanamh  anns  an 
eaglais  anns  an  robh  mise  air  mo  thogail, 
agus  cha  mho  a  bha  e  air  a  chomhairleachadh 
dhuinn  ann  an  Talla  na  Diadhachd  leis 
na  seann  mhinistearan  urramach  a  bhiodh 
a'  toirt  dhuinn  a  h-uile  bliadhna  coig  no 
sia  dh'  oraidean  mu  obair  na  ministrealachd 
fo'n  ainm,  Pastoral  Theology  ;  oraidean 
anns  an  robh  am  bitheantas  tiir  agus  gliocas 
agus  seoladh  feumail.  Ach  cha  robh  mi 
fada  air  mo  shuidheachadh  ann  an  Sgir 
Urchardainn  an  uair  a  fhuair  mi  a  mach 
air  mo  shon  fhein  nach  e  mhain  gu'n  sabh- 
aladh  e  iiine  agus  saothair  dhomh  laithean 
naomh  agus  feilltean  na  Criosdachd  a 
choimhead  ann  am  shearmonachadh,  ach 
gu'n  tugadh  ^  e  orm  cuideachd  labhairt 
air  a  h-uile  puing  mhor  de  theachdaireachd 
an  t-soisgeil  aon  uair  's  a'  bhliadhna  co 
dhiubh  ;  longhnadh  Bhetlehem.,  no  Dia 
air  fhoillseachadh  anns  an  fheoil ;  Sabaid 
nan  craobh-phailm,  no  Criosd  agus  iolach 
an  t-sluaigh  ;  Di-haoine  na  Ceusa  ;  Di- 
domhnaich  Casg,  no  Maduinn  na  h-Aiseirigh  ; 
Ardachadh  Chriosd  ;  La  na  Caingis,  no 
teachd  an  Spioraid  Naoimh  ;  Di-domhnaich 
na  Trianaid. 

Tha  na  laithean  sin  de'n  bhliadhna  a' 
cur  'n  ar  cuimhne  firinnean  mora  an  t- 
soisgeil,  agus  ged  nach  biodh  buannachd 
eile  ann  ach  gu'n  tugadh  e  oirnn  cuspairean 
suarach  no  cuspairean  neonach  a  sheachnadh 
anns  a'  chiibaid,  bu  mhor  a'  bhuannachd 
sin  fhein.  Ach  tha  a'  chuid  mhor  de  mhinis- 
tearan agus  de  mhissionaraidhean  tiirail  a' 
coimhead  feilltean  na  h-eaglais  anns  an 
t-seagh  so  cheana  ged  nach  'eil  iad  ag  radh 
dad  uime.  Ciod  a  theireadh  tu  ri  duine  a 
ghabhadh  an  ceann-teagaisg  so  air  maduinn 
na  Nollaige,  agus  clann  cho  maith  ri  'm 
parantan  anns  an  eaglais,  "  Agus  _  ruith 
Ahimaas  rathad  a'  chomhnaird  agus  chaidh 
e  seachad  air  Cusi."  Cha  robh  aobhar  aige 
air  a  ghabhail  ach  gu'n  robh  naidheachd 
ur  aige  mu  Eric  Liddell  a  bha  e  air  son 
innseadh. 


Na  h-aithrichean 

An  uair  a  dh"  fhosglas  mi  fear  d'  am  sheann 
leabhraichean-la  an  diugh,  agus  a  leughas 
mi  ann  am  lamh-sgriobhaidh  fhein  duilleag 
as  deidh  duilleig  air  an  lionadh  le  nithean 
a  bha  mi  a'  tarruing  as  na  sgriobhaichean 
aig  Origen  agus  Avigustin  agus  lerome  agus 
Tertullian  bithidh  e  a'  cur  ionghnaidh  orm 
car  son  a  ghabh  mi  an  dragh  sud  a  dheanamh, 
oir  chan  e  mhain  nach  do  bheathaich  mi  an 
trend  (ach  air  uair  annamh)  leis  na  sguaban 
a  dhioghluim  mi  cho  dichiollach  air  an  son, 
ach  tha  amharus  agam  gu'n  robh  na  sguaban 
cho  tioram  's  nach  cuireadh  iad  an  sron 
orra,  agus  gu'm  b'  e  sin  an  t-aobhar  nach 
do  rinn  mi  barrachd  feuma  de  na  neamh- 
naidean  a  chruinnich  mi  o  na  h-aithrichean. 

Bha  urrani  agam  riamh  do  dh'urracha 
mora  agus  do  sgoilearan  mora  ;  o  laithean 
m'  oige  bha  e  furasda  dhomh  mo  cheann  a 
chromadh  'n  an  lathair,  oir  bha  mi  a' 
creidsinn  gu'n  robh  eolas  agus  tuigse  agus 
breithneachadh  aca,  agus  gu  sonraichte 
eolas  air  Dia  nach  'eil  agam  fhein.  Bha  na 
h-aithrichean  a  dh'  ainmich  mi  ainmeil 
anns  a'  Chriosdachd  uile,  is  bha  mi  an  diiil 
gur  e  smior  a'  chruithneachd  a  bha  anns  a 
h-uile  facal  a  sgriobh  iad  riamh.  Ach  chan 
'eil  mi  cinnteach  as  a  sin  an  diugh.  Chan  e 
mhain  nach  'eil  mi  cinnteach  as,  ach  tha 
mi  cinnteach  nach  'eil  ann  an  cuid  mhaith 
d'an  sgr'iobhaidhean  ach  smodan ;  coth- 
lamadh  nach  'eil  dad  na's  fhearr,  agus  air 
uaii-ean  na's  miosa,  na  gheibheadh  tu  am 
measg  dhiadhairean  na  h-Alba.  Chan  'eil  so  a' 
ciallachadh  nach  'eil  iomadh  rud  maith 
agus  maiseach  agus  fiachail  ann  an  sgriobh- 
aidhean  nan  aithrichean,  ach  cha  bhiodh 
e  glic  dhuit  an  slugaclh  air  aon  ghloc  mar 
gu'm  biodh  tu  a'  gabhail  cungaidh  a  fhuair^ 
thu  o'n  doctair,  gun  fheoraich  ciod  a  chuir  e 
innte  ;  '  f eumar  na  sgriobh  iad  a  sgrudadh 
agus  a  chriaradh  mar  nach  e  daoine  ainmeil 
a   bha   annta   idir. 

Saorsa  o  chuing 

Tha  cuimhne  agam  fhathast  mar  gu'm  b'e 
an  de  a  bha  ann,  a'  cheud  uair  a  bhuail 
e  'n  am  inntinn  gur  e  copar  no  umha  agus 
nach  b'e  or  a  bha  ann  an  crioman  a  thug  mi 


FO  CHRAOBH  SHEUDAR 


o  Augustin  mu'n  Fhocal  a  bha  air  a  dheanamh 
'na  fheoil.  Bha  mi  'n  am  shuidhe  aig  an 
dasc  ann  am  Manse  Dhruim-na-drochaid 
anmoch  air  oidhche  Sabaid,  a'  feitchainn  ri 
Augustin  a  chur  an  Gaidhlig.  Cha  robh  a' 
dol  learn  gu  maith  ;  bha  mi  ag  radh  rium 
fhein  nach  robh.  cuimse  no  finealtachd  air 
mo  laimh,  ach  mu  dheireadh  leum  e  'n  am 
inntinu  gur  e  a  bha  'ga  dheanamh  cho 
duilich  a  cluir  ann  an  Gaidhlig  nach  V 
fhiach  e  a  chur  an  Gaidhlig.  Chan  e  Augustin 
a'  cheud  duine-mor  a  sgriobh  rud  gun  bhrigh 
agus  gu  cinnteach  chan  e  am  fear  mu 
dheireadh. 

Cha  do  chaill  mi  uine  riamh  a'  siubhal 
ceann-teagaisg  Di-sathuirn  ;  air  feasgar  na 
Sabaid  bha  cinn-theagaisg  na  h-ath  Shabaid 
air  an  taghadh,  rud  nach  robh  duilich  a 
dheanamh  air  cuid  mhaith  de  Shabaidean 
na  bliadhna,  a  chionn  gu'n  robh  a'  Chriosd- 
achd  uile  a'  cumail  cuimhne  air  an  aon  ni, 
agus  air  son  nan  Sabaidean  eile  gheibhinn 
ann  am  leabhar-sgriobhaidh  earrannan  as  a' 
Bhiobull,  samhlaidhean,  nithean  driiidhteach 
a  leugh  mi,  air  an  cruinneachadh  comhla,  a 
dh'  fheitheamh  air  an  la  anns  an  tigeadh 
feum  orra  ;  cnamhan  air  an  cuirinn  feoil 
uaireigin. 

So  aon  no  dha  de  na  duilleagan  sin  air  an 
cur  sios  facal  air  an  fhacal,  mar  a  sgriobh 
mi  iad  ann  am  fear  de  na  leabhraichean 
ud  0  chionn  corr  agus  dk  fhichead  bliadhna. 

Mu  urnuigh 

"  Sibhse  tha  deanamh  luaidh  air  ainm 
an  Tighearna,  na  gabhaibh  fois  agus  na 
tugaibh  fois  dha  gus  an  daingnich  e,  agus 
gus  an  dean  e  Jerusalem  'n  a  chliti  air  an 
talamh." — -Isaiah  Ixii.  6. 

"  Chaidh  t'tirnuighean  suas  mar  chuimh- 
neachan  ann  am  fiamiis  Dhe." — Gniomh 
X.  4. 

"  Epaphras  a  tha  a  ghnath  a'  deanamh 
spairn  dhurachdach  air  'ur  son  ann  an 
tirnuighean." — Colos.    iv.    12. 

"  Thubhairt  Simon,  Guidhibh-se  an  Tigh- 
earna air  mo  shon." — Gniomh  viii.  24. 

"  Bhuannaich  Peadar  a'  bualadh  an  ^ 
doruis." — Gniomh  xii.  16. 

"  Do'n  ti  a  bhuaileas  an  dorus  fosgailear." 
— Mata.  vii.  8. 

"  G'e  b'e  a  shireas  gheibh  e." — ^Mata.  vii.  8. 

"  Gu  h-anabarrach  ro  phailt,  thar  gach  ni 
as  urrainn  sinne  iarraidh  no  smuaineach- 
adh." — Ephes.  iii.  2. 

"  On  doimhneachd  ghlaodh  mi  riut,  a 
Thighearna . ' ' — An     Salmadair . 

"  An  do  dhichuimhnich  Dia  a  bhi  gras- 
mhor  ?  " — An  Salmadair. 


"  A  Mhaighstir,  nach  'eil  suim  agad  gu'n 
eaillear  sinn  ?  " — -Na  Deisciobuil. 

"  A  Thighearna,  chum  mo  chuideachaidh 
dean   cabhag." — An  Salmadair. 

"  Air  dha  bhi  ann  an  cruaidh-ghleac 
anama  rinn  e  urnuigh  na  bu  durachdaiche." 
— Criosd. 

"  Ann  am  eiginu  ghlaodh  mi  ri  Dia." — 
Sluagh  gun  aireamh. 

A  reir  riaghailtean  an  Radio  tha  an  t-aite- 
toisich  daonnan  air  a  thoirt  do  rabhadh  a 
tha  air  a  chur  a  mach  le  bata  no  mu  bhcita 
a  tha  'n  a  h-eiginn  air  a'  chuan.  Cha  diult 
seoladair  air  bith  glaodh  eiginn  a  fhreagairt. 
Nach  ladarna  na  daoine  a  their  riut  nach 
'eil  feum  ann  an  urnuigh,  nach  'eil  thu  ach  ag 
eigheach  anns  an  dorchadas,  gun  dearbhadh 
air  bith  agad  gu  bheil  Dia  ann  a  chluinneas 
no  chuidicheas  tu !  Ciod  an  dearbhadh  a 
tha  aig  bata  a  chuireas  a  mach  glaodh-eiginn 
ann  am  meadhon  a'  Chuain  Shiar  gu'n  tig 
cobhair  'ga  h-ionnsuidh  1  Chan  'eil  dearbhadh 
air  bith  a  riaraicheas  siiil  no  cluas  ;  chan  'eil 
aice  ach  creideamh  agus  ddchas,  ach  fad 
na  h-ixine  tha  daoine  nach  fhaca  i  riamh 
roimh,  agus  nach  robh  cinnt  aice  gu  robh 
iad  idir  ann,  a'  greasad  'g  a  h-ionnsuidh. 
A  bheil  e  na's  iongantaiche  gu'n  tugadh 
urnuigh  duine  agus  Dia  ann  an  dliith  dhaimh 
ri  cheile  na  gii'n  tugadh  an  Radio  duine 
agus  duine  ? 

"An  uair  a  shiubhail  mo  mhathair  rinn 
mi  tirnuigh  dhiirachdach  ri  Dia,  agus  'n  a 
dheidh  sin  an  uair  a  bha  companach  ionmh- 
uinn  an  galar  a'  bhais.  Cha  d'  eisd  Dia  ri 
m'  ghuidhe,  ach  cha  mho  a  dhitilt  e  m' 
iirnuigh,  oir  riamh  tuilleadh  cha  do  chaill 
mi  m'  iarrtus  air  tirnuigh  a  dheanamh  ri 
Dia . " — Bismarck. 

Tosdachd  an  Tighearna  riu  fhein,  sin  a' 
chtiis-ghearain  a  tha  aig  moran  dhaoine 
a  thaobh  an  urnuighean,  ach  ma  tha  Dia 
'n  a  thosd  ruinn  is  e  an  t-aobhar  nach  'eil 
sinne  ag  eisdeachd.  Chan  'eil  Dia  'n  a 
thosd  uair  air  bith,  oir  is  e  aon  de  ainmean 
Chriosd  am  Focal,  agus  tha  Dia  a'  labhairt 
ri  clann  nan  daoine  an  comhnuidh  ann  an 
Criosd.  -  Is  ann  ann  an  Criosd  agus  tre 
Chriosd  a  tha  Dia  a'  freagairt  urnuighean 
dhaoine.  Daoine  air  bith  aig  a  bheil  Criosd 
agus  am  Biobull  faodar  a  radh  umpa  gu 
bheil  Dia  a'  sineadh  a  lamhan  riutha  fad 
an  la. 

Maithean  na  h-urnuigh 

Bhiodh  e  ro  fhada  dhomh  a  chur  sios  an 
so  na  bha  sgriobhta  air  na  duilleagan  ud 
mu  dhithis  dhaoine  m'  am  faodadh  e  bhi 
air  a  radh  gu'm  biodh  iad  ag  urnuigh  gun 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


sgur,  Seoras  Miiller,  a  shiubhail  ami  an  1898, 
a  chiiir  suas  ann  am  Bristol  coig  no  sia  de 
Dhachaidhean  air  son  dhilleachdan,  agus 
Anndra  Bonar,  aon  de  na  ministearan 
maith  a  bha  anns  an  eaglais  Shaoir  an  tus 
a  toiseachaidh.  Co  am  ministear  an  Albainn 
an  diugh  a  tha  a'  cur  seachad  dha  no  tri 
dh'uairean  air  a  ghluinean  ag  iirnuigh,  a 
h-uile  latha,  mar  bhiodh  Anndra  Bonar  a' 
deanamh,  no  c'  aite  a  bheil  an  coimhthional 
a  roghnaicheadh  an  uireasbhuidhean-airgid  a 
sgaoileadh  am  fianuis  an  Tighearna  anns  a' 
choinneamh-iirnuigh,  mar  a  rinn  Heseciah 
ris  an  litir  a  fhuair  e  o  righ  Asiria,  agus 
mar  bhiodh  Seoras  Miiller  a'  deanamh  an 
uair  a  bhiodh  Dachaidhean  nan  dilleachdan 
ann  an  cas  le  cion  airgid,  seach  doighean 
saoghalta  is  leibideach  a  ghabhail  a  chur 
air  aghaidh  obair  na  h-eaglais  le  cluich 
chairtean  agus  dannsa.  Chruinnich  Seoras 
Miiller  muillean  gu  leth  a  dh'  airgiod,  is 
bhiodh  e  ag  radh  gu'n  d'  fhuair  e  a'  chuid 
mhor  dheth  mar  fhreagairt  d'a  tirnuighean 
fhein  agus  urnuighean  dhaoine  eile.  Cha 
robh  e  fhein  gaolach  air  airgiod.  An  uair  a 
shiubhail  e  cha  d'  fhag  e  ach  tri  fiehead  not. 

Co-chomunn  ri  Dia  'nad  chadal 

Uaireigin  anns  an  fhoghar,  an  1905,  bha 
litrichean  anns  an  Expository  Times  anns  an 
robh  a'  cheist  air  a  togail  "  a  bheil  e  comasach 
do  dhaoine  a  bhi  ag  iirnuigh  'n  an  cadal  ?  " 
Tha  mi  an  diiil  gu'n  robh  i  air  a  togail  an 
toiseach  ann  an  leabhar  a  bha  air  a  sgriobh- 
adh  leis  an  Ollamh  Marshall  Tailing. 

"  Tha  cuimhne  agam  air  da  uair  'n  am 
bheatha  a  dhilisg  mi  agus  mi  ag  iirnuigh, 
uair  air  son  mo  pharantan  agus  an  uair 
eile  air  son  mo  mhnatha.  Gach  uair  bha 
mo  shonas  a'   cur  thairis,  agus  bha  mi  na 


bu  chinntiche  gu'n  robh  m'lirnuigh  air  a 
freagairt  na  bha  mi  a  thaobh  nan  iirnuighean 
a  bhithinn  a'  deanamh  'n  am  dhiisgadh. 
An  robh  mi  'g  am  mhealladh  fhein  ?  Ma 
bha,  tha  so  fior  co  dhiubh,  gu'n  do 
chuir  e  aoibhneas  'n  am  chridhe." — W.  0.  E. 
Oesterley. 

Ann  an  te  de  na  laoidhean  aig  Tearlach 
Wesley  tha  an  smuain  so  air  leudachadh 
oirre  ;  tha  e  a'  guidhe  Dia  a  bhi  'n  a  smuain- 
tean  'n  a  chadal  is  'n  a  dhiisgadh,  agus  gu'm 
biodh  a  dhiisgadh  mills  an  uair  a  dhiiisgeadh  e 
le  Criosd  'n  a  chridhe.  Gheibh  thu  a'  cheart 
smuain  so  anns  an  duan  no  an  dan  a  rinn 
Coleridge,  Christabel  ;  a'  mhaighdean  6g  a 
bhruidhinn  ri  Dia  'n  a  cadal.  Tha  Facal  an 
Tighearna  neo-chriochnach ;  cha  toirear 
as  gu  brath  na  tha  ann,  agus  ma  tha  soith- 
each  agad  leis  an  tarruing  thu  an  t-uisge 
beo,  nach  fhaod  e  bhith  gu'm  faigh  thu  so 
uile  anns  an  fhacal  ud  anns  an  t-salm  cxxvii. 
2.  "  Bheir  esan  do  fhear  a  ghraidh  'n  a 
chadal."  Chan  'eil  e  air  a  radh  ciod  a  bheir 
e  dha,  oir  tha  Dia  a'  toirt  dhuinn  iomadh  rud 
maith  'n  ar  cadal,  aran  nach  do  shaothraich 
sinn  air  a  shon.  Co  aig  nach  'eil  cuimhne 
air  oidhche  araidh  a  leag  e  a  cheann  air 
a'  chluasaig  an  iom-chomhairle,  an  t-slighe 
roimhe  dor  cha,  agus  gun  fhios  aige  ciod  a 
dheanadh  e,  ach  a  dhuisg  anns  a'  mhaduinn 
gun  eagal  no  teagamh  'na  chridhe  ;  deimhin 
ciod  bu  choir  dha  a  dheanamh  agus  suidh- 
ichte  air  a  dheanamh  le  uile  chridhe  agus 
le  uile  neart.  Thainig  Dia  chuige  air  a 
leabaidh  mar  a  thainig  e  gu  lacob  aig  Betel, 
is  thug  e  dha  e  'na  chadal. 

Bha  moran  de'n  fhoillseachadh  a  rinn  Dia 
air  fhein  d'a  chloinn  air  a  dheanamh  ann 
an  iirnuigh,  ann  an  aislingean,  agus  anns 
an  oidhche. 


An  t-Urramach  Alasdair  Ros,  cb,e„  m.a. 


BHA  dliith  eolas  agam  air  Alasdair  Ros 
fad  mo  bheatha.  Bha  sinn  a'  dol  do 
do'n  sgoil  comhla,  an  Gleann-Dail,  'n 
ar  balaich,  agus  a  rithist  'bha  sinn  'n 
ar  n-oileanaich  cuideachd  ann  an  Oilthigh 
Dhim-eideann.  Trath  'na  bheatha  thionn- 
daidh  a  chridhe  chum  aobhar  an  t-soisgeil. 
Bha  a  mhathair  'na  boireanna.ch  anabarrach 
fiosrach  anns  na  Sgriobtuirean,  agus  bha 
breithneachadh  spioradail  aice,  agus  comas 
sonraichte  a  smuaintean  a  chur  ann  am 
briathran.  Bha  ise  dliith  chairdeach  do 
theaghlach  a'  bhaird  Sgitheanaich,  Niall 
MacLeoid.  Cha  robh  ionghnadh,  mar  sin, 
gu'n  do  bheothaich  gradh  na  bardachd 
gu  h-6g  ann  an  cridhe  Alasdair,   agus  bha 


buadhan  bardachd  aige  fhein  cuideachd  ; 
agus  bu  dual  da  sin.  'N  am  cheud  chuimhne, 
bhiodh  e  gu  trie  a'  liubhairt  d'a  chompanaich 
anns  an  sgoil  earrannan  de  bhardachd 
Neill  agus  Iain  MhicLeoid,  agus  criomagan 
de  Shakespeare.  Bhiodh  bloighdean  maith 
shearmonan  nam  ministearan  a  bhiodh  a' 
tadhal  anns  a'  Ghleannan  am  Comanachaidh 
aige  air  a  theangaidh. 

Anns  a'  cheud  chogadh  bha  e  corr  agus 
ceithir  bliadhna  'na  oifigeach  anns  an 
Artillery.  Thill  e  do'n  Cholaisde,  agus  as 
deidh  bliadhna  'na  fhear- cuideachaidh  leis 
an  Ollamh  MacLean  Watt  ann  an  Eaglais 
an  Naomh  Stephen,  an  Dim-eideann,  agus 
da  bhliadhna  ann  an  Steornabhagh,  rogh- 


AN  T-URRAMACH  ALASDAIR  ROS 


naich  e  dhol  air  ais  do'n  arm  'na  mhinistir. 
Choimhlion  e  a  dhreuchd  anns  an  arm  gu 
h-onarach,  dileas,  calma  ;  agus  choisinn 
e  cliu  agiis  urram  dha  fhein.  Bha  a  chridhe 
'na  obair,  agus  bha  gradh  durachdach 
aige  do  na  balaich  a  bha  fo  churam  ann  an 
nithean  spioradail.  Bha  e  cuide  ri  Wavell 
anns  a'  cheud  ionnsaidh  a  thug  e  air  na 
h-Eadailtich.  Chuir  e  seachad  a'  cheud 
tri  bliadhna  de'n  chogadh  mu  dheireadh 
ann  an  Africa. 

Thainig  briseadh  air  a  shlainte  mu'n 
do  chriochnaich  an  cogadh,  agus  bha  aige 
ri  tighinn  dhachaidh.  Air  son  uine,  bha 
e  an  Inbhirnis,  agus  air  son  tri  bliadhna 
mu'n  do  ghairmeadh  e  gu  fois  shiorruidh, 


bha  e  'na  Assistant  Chaplain  General  an 
Dun-eideann.  'Nuair  a  bha  e  anns  an  ospidal, 
thainig  brath  gu'n  do  bhuilich  an  righ 
an  t -urram  C.B.E.  air. 

Bha  e  'na  dhuine  daimheil,  neo-lochdach, 
blath-chridheach,  gaisgeil.  Bha  gradh  do- 
ghluaiste  aige  do  a  Shlanuighear,  agus  bha 
a  chridhe  a  ghnath  anns  an  eilean  anns  an 
do  thogadh  e.  Bliadhna  no  dha  air  ais, 
cheannaich  e  croit  an  Gleann  Dail  an  duil 
tigh  a  thogail  ann,  'nuair  a  leigeadh  e 
dheth  a  dhreuchd.  Cha  robh  e  ri  bhi. 
Bhuineadh  a  bhean  do  Steornabhagh.  Chuir 
i  seachad  iomadh  bliadhna  ann  an  dtith- 
channa  cein  comhla  ri  Alasdair.  Tha  aon 
mhac  aca,   Iain. 

An  t-  Urr.  Iain  Mac  Aonghuis,  Ph.D. 


Aig  an  Uinneig 


MacCailean 

Bha  MacCailean,  Diuc  Earra-Ghaidheal, 
tri  fichead  bliadhna  's  a  seachd  deug, 
an  uair  a  chaidil  e  maille  ri  'aithrichean  an 
caisteal  lonar-Aora  air  an  fhicheadamh  la 
de  cheud  mhios  an  Fhoghair,  agus  dh' 
adhlaiceadh  e  ann  an  ait'-adhlaicidh  a 
shinnsre  an  Cill-Mhunna  air  a'  choigeamh 
la  fichead.  Shealbhaich  e  an  oighreachd 
mhor  a  fhuair  e  o  'aithrichean,  fad  choig 
bliadhna  deug  ar  fhichead. 

Professor  Ur  Gaidhlig 

Cha  b'  fhada  a  dh'  fhan  Myles  Dillon  ann 
an  Cathair  na  Gaidhlig  an  Dim-eideann, 
ach  tha  sgoilear  maith  a'  tighinn  'na  aite, 
Coinneach  Jackson,  a  tha  a'  teagasg  ann 
an  Oilthigh  Harvard  an  America,  agus  a 
bha  air  oileanachadh  an  Oxford.  Tha 
ainm  maith  aige  mar  sgoilear,  ach  ged  nach 
'eil  eolas  aige  air  Gaidhlig  Albannach  mar 
bha  aig  Uilleam  Watson,  agus  gu  sonraichte 
aig  Domhnull  Mac  Fhionghuin,  tha  e  cho 
6g  fhathast  's  gu'm  bi  iiine  gu  leor  aige  air  a 
h-ionnsachadh.  Chan  'eil  e  da  fhichead 
fhathast.  Ged  nach  'eil  ann  ach  cuisle 
bheag  de  fhuil  Albannach  tha  bean  Albann- 
ach aige  a  bha  an  Oilthigh  Dhun-eideann  i 
fhein,  agus  theagamh  gu'n  cuidich  sin  leo 
iad  fhein  fhaireachduin  aig  an  tigh  an  uair 
a  thig  iad  a  nail  an  ath-bhliadhna.  Is  fhiach 
sgoilear  maith  a  bheatha  a  dheanamh  dha. 

An  Ridire  Tormod  Mac  Laomiiinn 
THAINIG   sgeul   bhronach   a   Trinidad   air 
a'  mhios  a  chaidh  seachad  gu'n  do  chaochail 
an  duine  gasda  so,  an  deidh  dha  bhi  air  a 
dhochann  le  tarbh  olc. 


An  uair  a  bha  e  6g  agus  laidir  cha  robh  a 
bheag  de  dhaoine  ann  an  Albainn  a  bha  cho 
eireachdail  ris  'n  am  pearsa,  ach  cha  robh 
anns  an  uaisle  a  bha  ri  f haicinn  air  a  bhodhaig 
agus  'n  a  cheum  ach  dealradh  air  an  uaisle 
a  bha  'n  a  nadur  agus  'na  inntinn  agus  'n  a 
uile  dhol-a-mach.  Ged  nach  robh  a  ghnoth- 
uch  riamh  'g  a  thoirt  do  chiiirtean  rioghail 
bha  modh  agus  uaisle  cho  nadurra  dha, 
'n  a  fhacal,  'na  ghiillan,  agus  'n  a  chleach- 
dadh,  's  na'm  biodh  dealbh  duin-uasail  ri  bhi 
air  a  thaghadh  gus  a  bhi  air  a  chur  air 
beulaibh  na  h-6igridh  mar  eisiomplair,  nach 
fhaighteadh  duine  eile  ann  an  Albainn  a 
b'  fhearr  a  dhealbh  a  tharruing  na  Sir 
Tormod.  Bha  inntinn  mhaith  aige,  agus 
na'n  robh  e  rud  beag  na  bu  chruaidhe  anns  an 
aodann  agus  na  bu  ruighne  anns  an  amhaich 
dh'  fhaodadh  e  cliix  a  chosnadh  mar  Riaghlair, 
ach  leig  e  sin  seachad,  oir  b'  fhearr  leis  a  bhi 
chomhnuidh  air  oighreachd  fhein  agus  am 
measg  a  dhaoine  fhein  seach  a  bhi  a' 
glaodhach  air  na  sraidean. 

Gaidheal  gu  smear  a  chnamhan,  bha  e 
eolach  air  eachdraidh  a  dhtithcha  agus 
gaolach  •  air  doighean  is  cleachdaidhean 
Albannach.  Bha  e  'n  a  fhoirbheach  an 
eaglais  'n  a  sgke  agus  air  uairean  a  dol  do  'n 
Chleir  agus  do  'n  Ard  Sheanadh.  Cha  robh 
de  choire  air  ach  nach  do  phos  e  riamh  agus 
nach  d'  fhag  e  mac  coltach  ris  fhein  'na 
dheidh.  Tha  a  phinthar  Augusta  bed,  air 
thigheadas  dhi  fhein,  is  tha  i  'n  a  sgoilear 
maith  Gaidhlig.  Bha  Sir  Tormod  mar 
bhliadhna  do  cheithir  fichead.  Bha  Mac 
Laomuinn  anns  a'  Chnoc-dubh  o  chionn 
ceithir  cheud  gu  leth  bliadhna. 


Aireamh  ii 


1949 


Criosd  a'  teagasg 


AGUS  thubhairt  e  riu,  An  toirear  an  lochran 
a  chum  a  chur  fo  shoitheach,  no  fo  leabaidh  ? 
Nach  ann  a  chum  a  chur  air  a'  bhord. 

Oir  chan  'eil  ni  air  bith  falaichte,  ach  a 
chum  a  bhi  air  fhoillseachadh  ;  agus  cha 
robh  ni  air  bith  an  cleith,  ach  a  chum  gu'n 
tig  e  am  follais. 

Ma  tha  cluasan  a  chimi  eisdeachd  aig 
neach  air  bith,  eisdeadh  e. 

Agus  thubhairt  e  riu,   Thugaibh  an  aire 
ciod   a   dh'    eisdeas   sibh  :     leis   an   tomhas 
leis    an    tomhais    sibh,    toim.hsear    dhuibh 
agus  bheirear  tuilleadh  dhuibh. 

Oir    esan    aig    am    bheil,    bheirear    dha 
agus    esan    aig    nach    'eil,    bheirear    uaithe 
eadhon  an  ni  sin  a  tha  aige. — Marc  IV.  21-25 

Anns  an  earrann  so  de  shoisgeul  Mharc 
tha  'dorlach  de  sheanchas  Chriosd  air  a 
chruinneachadh  comhla,  ged  nach  'eil  ceangai 
aig  na  nithean  a  thubhairt  e  ri  cheile,  agus 
ged  nach  ann  aig  an  aon  am  a  labhair  e  iad  ris 
na  deisciobuil.  Ged  a  bhios  sinn  a'  bruidhinn 
mu  Chriosd  mar  shearmonaiche  cha  b'  ann 
mar  a  bhios  miriistearan  a'  searmonachadh 
an  diugh  a  bhiodh  e  a'  labhairt  ris  an  t-sluagh, 
'na  sheasamh  air  am  beulaibh  anns  an 
t-sionagog,  a'  toirt  dhaibh  searm.on  a 
dh'ullaich  e  roimh  laimh  air  cuspair  son- 
raichte  air  am  bu  mhaith  leis  bruidhinn 
riu  fad  leth  uair  no  uair  an  uaireadair. 
Bha  a'  chuid  mhor  d'a  feheagasg  air  a  thoirt 
seachad  a  mach  air  a'  bhlar,  a'  seanchas 
ri  daoine  mu  Dhia  agus  mu  rioghachd 
Dhe  anns  a'  chainnt  a  bhios  daoine  a' 
cleachdadh  aig  taobh  an  teine  agus  'n 
an  obair  air  laithean  na  seachduin  ;  air 
uairean  a'  seanchas  ri  aon  duine,  uairean 
eile  ri  cuid  de  na  deisciobuil  no  ris  na 
deisciobuil  uile  ;  agus  corr  uair  ris  a'  mhor- 
shluagh  a  bha  air  an  tarruing  'g  a  ionnsuidh 
leis  an  iomradh  a  bha  iad  a'  cluinntinn 
air  na  miorbhuilean  a  bha  e  a'  deanamh, 
agus  na  nithean  ur  a  bhiodh  e  ag  radh  mu'n 
bheatha  dhiadhaidh.  Gle  choltach  ris  mar 
a  bha  beachdan  agus  teagasg  an  Ollaimh 
Mhic  Iain  air  an  cumail  air  chuimhne  le 
Seumas  Boswell,  a  bha  'ga  leantuinn  mar 
a  leanas  an  gocan  a'  chuthag,  bha  teagasg 
agus  seanchas  agus  gniomharan  Chriosd 
air  an  cumail  air  chuimhne  leis  na  h-abstoil, 
na  dluth  chompanaich  a  bha  aige,  agus  an 


deidh  am  b^is  air  an  cumail  air  chuimhne 
ann  am  beul-aithris  nan  Criosduidhean  gus 
an  robh  iad  air  an  cur  an  sgriobhadh  air 
eagal  gu'm  biodh  iad  air  an  call.  Mar  sin 
tha  sbruileach  de  sheanchas  agus  de  bhrjiath- 
ran  Chriosd  air  fhaotainn  ann  an  leabh- 
raichean  Mhata,  agus  Mharc,  agus  Lucais, 
gun  fhios  c'uin,  no  c'  aite,  no  co  ris  a  labhair 
e  iad,  no  ciod  a  bu  chuspair  seanchais  dha 
aig  an  am ;  cneapan  mar  tha  againn  anns 
an  earrann  so;  a  bha  aon  uair  air  ghad  agus 
ceangailte  ri  cheile,  ach  bhris  an  cord  a 
bha  'g  an  ceangai.  Ach  tha  a  h-uile  cneap 
fiachail. 

An  Lochran 

Chan  'eil  feum  ann  an  lochran  mur  bheil 
solus  ann.  Tha  tri  aitean  anns  am  faodar 
lochran  a  chur  ;  fo  shoitheach,  fo  n  leabaidh, 
no  air  a'  bhord,  ach  dhiubh  sin  is  e  am  bord 
an  t-aite  ceart,  far  am  faicea.r  e.  Lochran 
fo  shoitheach,  theid  e  as  ;  lochran  fo  'n 
leabaidh,  faodaidh  e  an  leaba  a  chur  air 
theine  ;  ach  lochran  air  a'  bhord  soillsichidh 
e  an  tigh.  Gu'm  b'  ann  mar  sin  a  dhealraich- 
eas  solus  na  h-eaglais,  agus  beatha  chiiiin 
agus  naomh  luchd-aideachaidh  an  lathair 
dhaoine,  chum  gu'm  faic  iad  criosdalachd 
nan  Criosduidhean,  agus  gu'n  creid  iad 
gur  ann  o  Dhia  a  fhuair  iad  e,  agus  an  cumh- 
achd  leis  a  bheil  iad  a'  deanamh  an  deagh 
oibre. 

Beagan  roimh  so  thubhairt  Criosd  ris  na 
deisciobuil  gu'n  d'  thugadh  dhaibh-san 
eolas  a  ghabhail  air  nithean  diomhair 
rioghachd  Dhe,  agus  faodaidh  e  bhith 
gu'n  do  shaoil  iad  gur  ann  dhaibh-san  a 
mhain  a  bha  an  t-eolas  sin,  agus  nach  robh 
e  ri  bhi  air  a  thoirt  do'n  chumantas,  ach 
an  so  tha  e  a'  teagasg  nach  e  comunn 
falachaidh  a  tha  ann  am  muinntir  na  riogh- 
achd ach  comunn  fosgailte,  agus  nach 
b'e  riin  an  Athar  gu'm  biodh  am  foUlseachadh 
a  bha  e  a'  deanamh  air  fhein  do'n  t-saoghal 
annsan  air  fholuch  air  a'  mhor- chuid  ach 
air  a  chraobh-sgaoileadh  agus  air  a  chomh- 
phairteachadh  ris  an  fheadhainn  a  bha  an 
leth-a-muigh.  ladsan  a  bha  air  an  soillseach- 
adh  o  shuas  cumadh  iad  an  lochran  laiste 
agus  na  muchadh  iad  an  solus.  Is  fann 
solus  coinnle  no  solus  lochrain  an  coimeas 
ris    a'    ghrein,    Solus    an    t-saoghail,    ach   is 


CmOSD  A'  TEAGASG 


maith  coinneal  fhein  anns  an  dorchadas. 
Tha  an  solus  agus  an  dorchadas  cho  fada 
o  cheile  's  a  tha  neamh  agus  ifreann,  ach 
innsidh  aon  choinneal  dhuit  an  aird  anns  a 
bheil  do   shiubhal. 

"  Ma  tha  cluasan  a  chum  eisdeachd  aig 
neach  air  bith,  eisdeadh  e."  Is  e  Dia  a 
tha  labhairt  anns  a'  Bhiobull ;  is  e  ar  cuid-ne 
eisdeachd  ris  an  fhacal  a  tha  e  a'  labhairt 
ruinn,  ach  mur  h-eisd  sinn,  is  e  Dia  ar 
Breitheam.h.  "  Labhair,  a  Thighearna,  oir 
tha  do  sheirbhiseach  ag  eisdeachd."  Sin 
toiseach  an  t-soillsichidh  a  tha  Dia  a' 
deanamh  air  fhein  anns  an  anam.  "  Bheir 
fosgladh  do  bhriathar  solus." 

Geata  na  cluaise 

"Agus  thubhairt  a  riu,  Thugaibh  an  aire 
ciod  a  ch'  eisdeas  sibh."  Tha  daoine  a' 
toirt  an  aire  ciod  a  dh'  itheas  agus  a  dh' 
olas  iad,  agus  ciod  a  chtiireas  iad  umpa  ; 
tha  an  fheadhainn  as  giice  a'  toirt  an  aire 
air  an  teangaidh,  ciod  a  their  iad,  ach  c6 
a  tha  cho  glic  's  gu  bheil  e  a'  toirt  an  aire 
ciod  a  chluinneas  no  dh'  eisdeas  e  ris.  Ni  e 
barrachd  cron  do  dhuine  salchar  a  leigeil 
a  steach  d'  a  inntinn  na  salchar  a  leigeil 
a  steach  d'a  chorp.  Na  nithean  salach  a 
theid  a  steach  do'n  bhroinn  tilgear  a  niach 
iad  an  uine  ghoirid  do'n  t-sloc-shalchair, 
ach  na  nithean  a  theid  a  steach  air  a'  chluais 
fanaidh  iad  anns  an  inntinn  agus  salaichidh 
iad  an  cridhe. 

An  diugli  fhathast  tha  cuimhne  agam 
air  nithean  a  chuala  n\i  'n  am  bhalach  agus 
'n  am  dhuine  6g  a  b'fhearr  leam  nach 
cuala  mi  riamh,  rannan  is  briathran  is 
beachdan  grod  a  dh'  fhan  anns  an  inntinn 
ged  a  dhi-chuimhnich  mi  iomadh  rud  maith 
a  chuala  mi,  no  chunnaic  mi,  bhuaith  sin. 
An  uair  a  bhios  mi  a'  leughadh  a'  Bhiobuill 
tha  rannan  sonraichte  ann  a  tha  air  am 
milleadh  a  chionn  gu'n  cuala  mi  duine  air 
choireigin  ag  radh  rud  fanoideach  no  mi- 
naomh  umpa,  no  'g  an  cleachdadh  gu 
magail  ann  an  seanchas  aotrom.  Tha 
aile  na  diadhachd  air  briathran  a'  Bhiobuill, 
ach  an  uair  a  tha  iad  air  an  spionadh  as 
am  bun  le  lamhan  toibheumach  caillidh 
iad  an  t-aile  ciibhraidh  mar  a  chailleas 
fliiraichean  a'  gharraidh  e  an  uair  a  tha 
iad  air  seargadh.  Mar  sin  bu  choir  do 
dhaoine  aig  a  bheil  nrram  do  Dhia  agus 
d'a  Fhacal  a  bhi  curamach  nach  abair 
iad  dad  mu'n  Bhiobull  a  mhUleas  a  bhlas 
do  dhaoine  eile,  no  a  thionndadh  aon  rann 
dheth  gu  bhi  'n  a  chuis-gh^ire, 


Tha  inntinn  agus  cuimhne  mhic  an  duine 
cho  diomhair  agus  cho  domhain  ris  a' 
chuan.  An  uair  a  chuimhnicheas  mi  air 
a  liuthad  crioman  de  bhardachd  uasal  agus 
mhaiseach,  o  Dhaibhidh  gu  Wordsworth,  a 
dh'  ionnsaich  mi  air  mo  thea.ngaidh  le 
moran  saothair,  ach  nach  'eil  agam  an 
diugh  ach  sreath  an  sud  agus  an  so  dhiubh, 
agus  an  sin  a  leumas  trealaich  shuarach 
gun  mhaise  gun  bhrigh  gu  m'  chuimhne, 
nach  d'  ionnsaich  mi  idir,  agus  nach  cuala 
mi  ach  aon  uair  leth-cheud  bliadhna  air  ais, 
ciod  an  dearbhadh  eile  a  bhiodh  a  dbith  orm 
gu'n  do  thuit  mac  an  duine  o'n  staid  anns 
an  do  chruthaicheadh  e  agus  gu  bheil  a 
nMur  uUe  truaillidh,  eadhon  gu  ruig  a 
chuimhne.  Naomhaich,  a  Thighearna,  mo 
chuimhne  agus  glan  aisde  le  teine,  ma's 
fheudar  e,  an  clabaf  agus  an  fhaoineis  a 
leig  mi  steach  innte,  a  tha  toirt  oilbheum 
dhuit-sa,  agus  d'  am  choguis  fhein. 

"  TMigaibh  an  aire  ciod  a  dh'  eisdeas 
sibh,"  facal  a  b'  fhiach  a  chrochadh  ann  an 
litrichean  mora  teine  mu  choimieamh  thigh- 
ean-nan-dealbh.  Anns  na  laithean  so  tha 
daome  titheach  air  a  bhi  'ga  chumitas 
dhaibh  fein  mar  fhireantachd  nach  'eil 
iad  cumhann,  no  idir  idir  mar  bha  mathair 
Dheorsa  Chaimbeil ;  tha  iad  an  duil  nach 
dean  e  cron  dhaibh  ciod  a  leughas  no 
chluinneas  iad.  Thugadh  iad  an  aire ; 
tha  slighe  ann  a  shaoileas  duine  gur  slighe 
dhireach  i,  ach  is  crioch  db.i  am  bas. 

Tha  na  facail  eile  a  thubhairt  e,  "  leis 
an  tomhas  leis  an  tomhais  sibh,  toimhsear 
dhuibh,"  agus  "  esan  aig  am  bheil  bheirear 
dha,  agus  esan  aig  nach  'eil  bheirear  uaithe 
eadhon  an  ni  sin  a  tha  aige  "  ri'm  faotainn 
ann  an  aitean  eile  anns  an  Tiomnadh  Nuadh. 
(Mata,  XIII,  12  ;  JiUcas,  VI,  38 ;  Lucas, 
XIX,  36)  ged  nach  ann  anns  an  aon  seagh 
no  anns  an  aon  seanchas  a  dh'  uisnich 
Criosd  iad.  Is  fheairrd  rud  maith  a  bhi 
air  a  radh  da  uair  no  tri  uairean,  agus  chan 
'eil  teagamh  nach  d'  thainig  Criosd  thairis  air 
smuaintean  sonraichte  'n  a  theagasg  barrachd 
air  aon  uair,  no  maith  dh'  fhaoidte,  sia  no 
seachd  a  dh'  uairean.  Tha  uiread  chiiisean 
agus  cheumanna  'n  ar  beatha  anns  a  bheil 
e  fior  gu'n  toimhsear  dhuinn  leis  an  tomhas 
a  tha  sinn  a'  toirt  do  dhaoine  eile  's  nach 
ruig  mise  a  leas  leudachadh  air  an  da  fhacal 
so,  oir  theid  aig  an  luchd-leughaidh  air  an 
leudachadh  sin  a  dheanamh  air  an  son 
fhein.  Is  e  an  searmon  as  fhearr  daonnan  an 
searmon  a  ni  dume  dha  fhein  'na  chridhe 
fhein. 


Pol  agus  Criosd 

Diadhachd  Chriosd 


CO  a  tha  an  sluagh  ag  rkdh  as  mise  ?  Cha 
robh  guth  an  t-sluaigh  aonsgeulach  an 
nair  a  bha  Criosd  air  thalamh,  agus  chan 
'eil  guth  an  t-sluaigh  aonsgeulach  an  diugh 
fhathast.  Bha  cuid  ag  radh  gur  e  Eoin 
a'  Bhaistidh  a  bha  ami,  cuid  eile  ag  radh 
gur  e  Elias  a  bha  air  tighinn  air  ais,  no 
leremiah,  no  aon  eile  de  na  faidhean.  Tha 
an  saoghal  a  cheart  cho  roirmte  uime  an 
diugh  fhathast. 

Ach  cha  robh  teagamh  air  bith  aig  Pol 
CO  e,  oir  anns  na  litrichean  a  sgriobh  e 
gu  bhr^ithrean  anns  an  eagiais  tha  e  daonnan 
a'  bruidhinn  mu  Chriosd  mar  Fhear-saoraidh 
agus  mar  Thighearna,  neach  a  bha  agus  a 
tha  'n  a  Dhia  agus  'n  a  dhuine,  ann  an  da 
nadur  eadar-dhealaichte,  agus  ann  an  aon 
phearsa  gu  siorruidh. 

Cha  bu  duine  Pol  a  bha  ditiid  no  anabarrach 
iriosal  am  fianuis  a  bhraithrean,  ach  am 
fianuis  Chriosd  chrom  e  a  cheann  mar 
neach  nach  robh  airidh  air  sealltuinn  air  a 
ghniiis.  Chan  'eil  e  uair  air  bith  a'  coimeas 
Chriosd  ri  daoine  eile  mar  bha  e  fhein, 
no  eadhon  ri  aithrichean  mora  nan  ludhach, 
Maois  agus  Samuel  agus  Eliah,  agus  bu 
leor  an  t-urram  leis  a  bhi  air  a  chunntas 
mar  sheirbhiseach  do  neach  cho  uasal 
agus  cho  glormhor  agus  cho  fada  os  a  chionn 
fhein. 

Bu  mhaith  leam  a  chur  sios  air  an  duilleig 
so,  as  deidh  a  cheile,  cuid  de  na  nithean 
iongantach  a  tha  Pol  ag  radh  mu  Chriosd, 
nithean  a  bhiodli  gun  chiall  na'n  d'  thubhairt 
e  iad  mu  dhuine  eile  a  bha  beo  'na  linn 
fhein. 

B'e  a'  eheud  chrioman  de'n  Tiomnadh 
Nuadh  a  bha  air  a  sgriobhadh,  ceud  litir 
Phoil  chum  nan  Tesalonianach  ;  anns  a' 
cheud  rann  de'n  litir  sin  tha  am.  facal  an 
"  Tighearn  losa  Criosd "  air  uisneachadh, 
agus  tha  ainm  Dhia  agus  ainm  Chriosd 
air  an  cur  comhla  anns  a'  bheannachadh, 
"  Grds  dhuibh  agus  sith  o  Dhia  ar  n- Athair, 
agus  o'n  Tighearna  losa  Criosd.'''  Agus 
anns  an  rann  mu  dheireadh  de  leabhar  an 
Taisbeanaidh  tha  an  tiotal  ceudna  air 
uisneachadh,  air  chor  agus  gu  bheil  an 
Tiomnadh  Nu.adh,  o  thoiseach  gu  deireadh, 
ag  aideachadli  Chriosd  mar  an  Tighearna. 

"  Criosd  a  dhearhhadh  a  bhi  'n  a  mhac 
do  Dhia  le  cumhachd,'  a  reir  Spiorad  na 
naomhachd,  tre  an  aiseirigh  a  na  tnairbh." — ■ 
Rom.  I.  4. 


"  Rinneadh  rdidh  ri  Dia  sinn  tre  bhas 
a  mhic." — Rom.   V.  10. 

"  An  ti  nach  do  chaomhain  a  mhac  fdin, 
ach  a  thug  thairis  e  air  ar  son-ne  idle,  donnas 
maille  ris-san  nach  toir  e  mar  an  ceudna 
dhuinn  gu  saor  na  h-uile  nithean  1  " — Rom. 
VIII.  32. 

"  Tha  Diafirinneach,  leis  an  do  ghairmeadh 
sibh  gu  co-chomunn  a  mhic,  losa  Criosd  ar 
Tighearna." — Cor  int.   I.  9. 

"  A'  feitheamh  r'a  mhac  o  neamh,  a  thog 
e  suas  o  na  mairbh,  eadhon  losa  a  shaor 
sinne  o'n  fheirg  a  tha  ri  teachd." — /  Tesal. 
I.  10. 

Sin  beagan  earrannan  ann  an  litrichean 
Phoil  anns  a  bheil  e  a'  bruidhinn  mu  Chriosd 
mar  mhac  Dhe.  Tha  mughadh  eadar 
mac  Dhe  agus  mac  do  Dhia.  Chan  'eil 
teagamh  nach  'eil  am  facal  mac  Dhe  air 
uisneachadh  anns  a'  Bhiobull,  mar  tha  e 
air  uisneachafh  'n  ar  seanchas  laitheil, 
ann  an  doigh  nach  'eil  a'  ciallachadh  an  ni 
a  tha  Pol  a'  ciallachadh  le  Diadhachd 
Chriosd  ;  nach  'eil  e  a'  ciallachadh  ach  gu 
bheil  Dia  tre  a  shaor  ghean-m.aith  fein  a' 
gabhail  a  stigh  ann  an  aireamh  a  chloinne 
daoine  d'a  bheil  e  a'  toirt  gach  sochair  a 
bhuineas  do  chloinn. 

Tha  cuid  de  dhaoine  cho  naomh  'n  an 
nadur,  cho  neo-lochdach  'n  an  caitheamh- 
beatha,  agus  cho  iomlan  'n  an  timhlachd 
do  Dhia  's  gu'm  bi  sinn  a'  bruidhinn  umpa 
mar  mhac  no  mar  mhic  Dhe. 

Ach  chan  e  sin  a  bha  ann  an  inntinn 
Phoil  an  uair  a  bhiodh  e  a'  bruidliinn  mu 
Chriosd.  Cha  b'  e  a  dhaonnachd  a  mhain 
a  bha  e  a'  faicinn  ann  ach  dealradh  gloire 
Dhe,  agus  ged  nach  'eil  e  a'  cur  an  ceill 
a  Dhiadhachd  air  a  cheann  mar  phrionnspal 
creidimh,  no  mar  an  aon  teagasg  a  bha 
fallain,  tha  e  ag  radh  nithean  iongantach 
mu  Chriosd  nach  h-abradh  e  mur  biodh 
e  a'  creidsinn  gur  h-ann  o  Dhia  a  thainig 
e,  fior  mhac  Dhe  ann  an  seagh  anns  nach 
robh,  agus  nach  'eil,  sgus  nach  bi,  neach 
eile  'n  a  mhac  Dhe.  Cluinnibh  so,  "  Neach 
as  e  iomhaigh  an  De  neo-fhaicsinnich, 
ceud-ghin  a'  chruthachaidh  uile,  oir  is 
ann  leis-san  a  chruthaicheadh  na  h-uile 
nithean  a  tha  air  neamh,  agus  a  tha,  air 
thalamh  ;  .  .  .  agus  tha  esan  roimh  na  h-uile 
nithean,  agus  trid-san  tha  na  h-uile  nithean 
a'  comh-sheasamh.  Oir  b'e  deagh  thoil  an 
Athar  gu'n  comhnuicheadh  gach  uile  iomla,n- 


POL  AGUS  CKIOSD 


achd  ann-san,  agus  gu'm  biodh  na  h-uile 
air  an  deanamli  reidh  ris  fein  trid-san,  air 
dha  sith  a  dheanamh  tre  fhuil  a'  chroinn- 
cheusaidh-san  ;  agus  sibhse  a  bha  uaireigin 
'n  ur  coimhich  agus  'n  ur  naimhdean, 
rinn  e  reidh  ris  fein  ann  an  corp  fheola 
fein  tre  'n  bhas  chum  sibhse  a  chur  naomh 
agus  neo-lochdach,  agus  neo-choireach  'n  a 
lathair."  Agus  so  eile,  "  Neach  air  bhi 
dha  ann  an  cruth  Dhe  nach  do  mheas  e 
'n  a  reubainn  e  fein  a  bhi  co-ionann  ri 
Dia,  ach  chuir  e  e  fein  ann  an  dhneas,  a' 
gabhail  air  fein  cruth  seirbhisich,  air  a 
dheanamh  ann  an  coslas  dhaoine  ;  agus  air 
dha  bhi  air  fhaghail  ann  an  cruth  mar 
dhuine,  dh'  irioslaich  e  e  fein,  agus  bha  e 
umhail  gu  bas,  eadhon  bas  a'  chroinn- 
cheusaich.  Air  an  aobhar  sin  dh'  ardaich 
Dia  e,  agus  thug  e  dha  ainm  os  cionn  gach 
uile  ainme,  chum  do  ainm  losa  gu'n  liibadh 
gach  gltm,  air  neamh,  air  thalamh,  agus 
fo'n  talamh  ;  agus  gu'n  aidicheadh  gach 
teangadh  gur  e  losa  Criosd  an  Tighearna, 
chum  gloir  Dhe  an  t-Athair."  " 

Chan  ann  ann  an  ceann  Phoil  fhein  a 
dh'  fhas  na  smuaintean  sin,  tha  iad  a' 
comh-fhreagradh  ris  an  fhoillseachadh  a 
rinn  Criosd  air  fhein  do  na  h-abstoil,  agus 
na  nithean  a  thuirt  e  uime  fein  an  uair 
a  bha  e  a'  teagasg  ann  an  Galile,  air  chor 
agus  nach  'eil  anns  an  Tiomnadh  Nuadh 
ach  aon  dealbh  air  Criosd,  Neachd  a  bha 
ann  an  dairnh  cho  dliith  ri  Dia  's  gu'n  robh 
iomlanachd  agus  uile  bhuadhan  na  Diadhachd 
a'  gabhail  cdmhnuidh  ann,  air  ardachadh 
OS  cionn  dhaoine  agus  ainglean,  le  ainm  os 
cionn  gach  ainme,  chum  d'a  aimn-san  gu'n 


liibadh  gach  glun  air  neamh  agus  air  talamh. 

Is  e  aon  de  ainmean  Chriosd  an  t-Iongan- 
tach.  Bha  e  iongantach  'n  a  bhreith,  agus 
'n  a  bhas,  agus  'n  a  aiseirigh.  Mac  Dhia 
air  a  bhreith  le  mna-oi ;  esan  a  bha  ann  o 
shiorruidheachd  a'  tighinn  a  steach  do'n 
t-saoghal  'n  a  chiochran  maoth  ;  air  a 
dhiteadh  agus  air  a  mhaslachadh  agus  air 
a  chur  gu  bas,  ach  le  a  bhas  air  a  chrtmadh 
le  gloir  agus  le  urram,  agus  a'  toirt  mhoran 
mhac  chum  gloire,  agus  tre  aiseirigh  a 
thug  dochas  agus  dearbhachd  na  beatha 
maireannaich  do'n  t-saoghal.  Tha  Criosd 
iongantach  agus  bidh  e  iongantach  gu 
brath  ;  iongantach  'n  a  aon  phearsa  agus 
'n  a  dha  nadur  ;  iongantach  'n  a  bhuadhan, 
iongantach  'n  a  obair,  iongantach  'n  a 
fhacal,  iongantach  'n  a  ghras.  Faodaidh 
tu  Sion  a  chuartachadh  agus  dol  m'a  thimch- 
ioll  agus  a  liichairtean  agus  a  thtiir  aireamh, 
ach  ged  chuartaicheadh  tu  Criosd  agus 
ged  a  rachadh  tu  timchioU  air  chan  urrainn 
dhuit  esan  a  thomhas  ;  tha  e  os  cionn  t' 
eolais,  agus  do  thuigse,  agus  do  thoimhsean. 

Thugadh  an  t-ainm  do  Phol,  Abstol 
mor  nan  cinneach,  a  chionn  gu'n  do  chuir  e 
an  seann  saoghal  bun  os  cionn  le  shearmonach- 
adh  agus  le  theagasg,  ach  b'  e  an  t-aobhar 
gu'n  do  chuir  e  an  saoghal  bun  os  cionn 
gu'n  do  shearmonaich  Pol  an  Criosd  mor 
agus  iongantach  nach  d'  aithnich  e  gus  am 
b'e  deagh-thoil  Dhe  a  Mhac  fhein  fhoillseachadh 
ann. 

So  an  Criosd  anns  a  bheil  an  eaglais  a' 
creidsinn,  agus  air  a  bheil  gaol  aice,  ged 
nach  'eil  i  'g  a  Ian  thuigsinn  no  a'  faicinn 
fhathast  ach  earlais  bheag  d'  a  ghloir. 


Fo  Chraobh  Sheudair 


CHAN  abrainn  gur  e  duine  maith,  no  duine 
laghach,  no  idir  idir  duine  diadhaidh  a 
bha  ann  an  Tormod  MacNeacail  ged  a  rugadh 
e  ann  an  Steornabhagh .  Duine  durbhaidh 
gu  nadurra,  chaidh  e  gu  muir  gu  maith 
og,  agus  mar  b'  fhaide  dh'  fhan  e  aig  muir, 
cha  b'  ann  na  bu  mhine  a  bha  e  a'  fas  'na 
nadur  no  'na  dhoighean  ;  rinn  a'  mhuir  e 
cho  laidir,  fiadhaich,  neo-iochdmhor  rithe 
fhein.  Bha  e  air  a  thogail  ann  an  teaghlach 
crabhach,  agus  'na  bhalach  bha  e  fhein 
cho  crabhach  agus  cho  eudmhor  's  gu'n 
do  leth-mharbh  e  balach  eile  a  chuala  e  a' 
feadaireachd  "  Eilean  an  Fhraoich  "  air 
an  t-sraid  air  feasgar  na  Sabaid.  Ach  cha 
robh  ann  an  eud  Thormoid  ach  sliobadh 
tana  de  ohreideamh  a  bha  air  a  shuathadh 


air  a  chraicionn  le  pharantan,  a'  foluch  na 
buirbe  a  bha  ann  gu  nadurra,  agUs  cha  robh 
e  fada  aig  fairge  an  uair  a  dh'  fhas  an  sliobadh 
peant  sin  cho  ruadh  's  ged  a  b'  e  meirg  a 
bha  ann. 

Ann  am  beagan  bhliadhnachan  thuit  e 
air  falbh  gu  buileach  o  chreideamh  'aith- 
richean.  Ann  an  toiseach  nam  bataichean- 
seolaidh  anns  am  biodh  e  a'  dol  thairis, 
agus  ris  an  do  lean  e  riamh  gus  an  do  choisinn 
e  teisteanas  sgiobair,  bhiodh  companaich 
aige  as  gach  dtithaich  fo  neamh  ;  Papanaich 
agus  Mohammedanaich  agus  Communists  ; 
daoine  aig  an  robh  creideamh  agus  daoine 
aig  nach  robh ;  Latvianaich,  Suainich, 
Lochlannaich,  Ruisianaich  agus  Frangaich  ; 
Eadailtich,   is   iomadh    seorsa   neonach    eile, 


FO  CHRAOBH  8HEUDAIR 


a.  bha  cho  dorcha,  aineolach,  's  nach  cuala 
iad  riamh  iomradh  air  Alasdair  Gearr  no 
MacRath  Mor.  Eadar  na  smuaintean  a 
bha  air  a  chur  'na  cheann  leis  an  deasbud 
a  bhiodh  a',  dol  air  aghaidh  gun  sgur  ann 
am  Parlamaid  an  Toisich,  agus  am  bias 
milis  a  bha  air  a  chur  'n  a  bheul  ann  an 
Valparaiso,  agus  San  Francisco,  agus  Ade- 
laide, agus  Buenos  Ayres,  le  measan  toirmisgte 
a  bha  pailt  agus  saor,  chaill  Tormod 
MacNeaeail  a  chiirsa  spioradail  agus  chuir 
e  mar  fhiachaibh  air  fhein  nach  'eil  anns  a' 
Chreideamh  Chriosdaidh  agus'  anns  gach 
creideamh  eile  air  thalamh  ach  opium 
a  bhios  ministearan  agus  sagartan  a'  toirt 
do'n  t-sluagh,  air  ghaol  cumhachd  agus 
riaghladh  agus  iighdarras  agus  airgiod  a 
chumail  'n  an  lamhan  fhein.  0'  n  am  a 
dhealaich  e  ri  Creideamh  'aithrichean  cha 
robh  aige  ach  an  aon  phort,  port  leis  am 
biodh  e  a'  bodhradh  dhaoine  eile,  Chan  'eil 
Dia  no  deamhan  ann,  tamhasg  no  spiorad. 

Maraiche  Maith 

Mar  bu  dvith  dha  bha  Tormod  MacNeaeail 
'na  mharaiche  maith,  agus  bha  Righ  a' 
cbuain  cho  fabharach  dha  's  gu'n  d'  aisig 
e  muilleanan  de  luchd-turuis  agus  de  shaigh- 
dearan  a  null  's  a  nail,  o  phort  gu  port,  o 
dhuthaich  gu  diithaich,  anns  an  da  fhichead 
bliadhna  a  bha  e  'na  sgiobair,  gun  driod- 
fhortan  a  thachairt  dha,  no  aon  bheatha  a 
chall,  no  cosdus  a  chur  air  a'  chompany 
a  bu  leo  na  bataichean  air  an  robh  e  'na 
sgiobair  a  ghabhadh  seachnach.  Nochd  a' 
Chompany  am  meas  a  bha  aca  air,  is  thug 
iad  dha  uaireadair  oir  agus  mile  not,  an 
uair  a  bha  e  dol  air  tir  agus  a'  leigeil  dheth 
na  mara. 

Is  aoibhinn  an  obair  an  fhairge  an  uair 
a  tha  duine  6g,  ach  chan  obair  i  do  sheann 
daoine,  agus  cho  luath  's  a  theid  an  seoladair 
seachad  air  leth-cheud  tha  e  a'  toiseachadh 
air  bruadar  air  bothan  dha  fhein  am  fasgadh 
nan  craobh,  air  currain  agus  ceirslean-cail 
agus  uinneanan  agus  tibhlan  nach  fhacas 
riamh  an  leithid  air  mheudachd  gus  an 
deachaidh  esan  air  tir  agus  an  d'  thvig  e  air 
an  fhasach  tighinn  fo  bhlath  mar  an  ros. 

Gus  mo  naidheachd  a  ghiorrachadh  chean- 
naich  an  sgiobair  tigh  mor  breagh  ann  an 
Tairbeart  Chinn-tire,  a  fhuair  e  anabarrach 
saor,  ion's  a  nasgaidh,  a  chionn  gu'n  robh 
e  fo  dhroch  ainm.  Bha  e  air  a  chreidsinn 
le  moran  dhaoine  anns  an  diithaich  gu'n 
robh  mort  air  a  dheanamh  ann  le  fear, 
Frannsaidh  Moireasdan,  a  ghabh  air  mhal 
e,  agus  a  thainig  a  dh'  fhuireach  ann  le 
boireannach  a  rinn  e  aithnichte  do  mhuinntir 
an  Tairbeairt  mar  mhnaoi.   Cha  robh  searbh- 


anta  aca,  no  duine  eile  comhla  riu  ach 
aon  seann  duine  a  bhiodh  ag  obair  anns  a' 
gh^rradh  agus  ogha  caileig  dha  mu  dhusan 
bliadhna,  a  bhiodh  a'  dol  air  thurusan 
dhaibh.  M'  an  gann  a  bha  iad  da  mhios 
anns  an  tigh,  air  maduinn  araidh  dh'  iarr  e 
air  a'  chaileig  ruith  cho  luath  's  a  rinn  i 
riamh  a  dh'  innseadh  do'n  pholiceman  gu'n 
do  thuit  a  bhean  leis  an  staidhir  agus  gu'n 
deach  i  a  cnaimh  na  h-amhach.  An  uair  a 
rainig  am  policeman  an  tigh  bha  am  boirean- 
nach fuar  marbh  gun  teagamh. 

An  sin  thoisich  goileab  am  m.easg  dhaoine 
nach  e  tuiteam  a  rinn  i  idir  ach  gur  e  fhein 
a  phut  i  bharr  mullach  na  staidhreach  'na 
cheart  deoin,  agus  e  air  son  cur  as  dhi. 
Bha  uiread  amharuis  agus  goileab  mu'n 
ghnothuch  's  gu'n  do  rinn  luchd-lagha  a'  '" 
Chruin  rannsachadh  uime,  agus  'na  dheidh 
sin  chuir  iad  mort  as  a  leth,  ach  dh'  fhairtlich 
e  orra  a  dhearbhadh  gu'n  robh  e  oiontach, 
is  fhuau'  e  mu  reir.  Ach  anns  an  rannsachadh 
a  bha  air  a  dlieanamh  fhuaras  a  mach 
nach  robh  anns  a'  bhoireannach  ach  coimh- 
leabach  agus  nach  robh  annsan  ach  sliomair 
gun  naire  a  bha  tighinn  beo  air  a  h-airgiod. 

Riamh  'na  dheidh  sud  bha  e  air  a  sheanchas 
anns  an  Tairbeart  nach  robh  "  Tigh  a' 
Chladaich,"  mar  theireadh  iad  ris,  'na 
thigh  sianta  ;  gu'n  robh  nithean  ri  chluinn- 
tinn  agus  air  uairean  ri  fhaicinn  ann  nach 
robh  nadurra  ;  cathraichean  a'  snagail 
is  dorsan  a'  fosgladh  agus  a'  dimadh  leo 
fhein,  agus  cuid-eigin  a'  dol  tromhpa  ged 
nach  robh  e  ri  fhaicinn.  Feumaidh  gu'n 
robh  freumh  de'n  fhirinn  anns  an  t-seanchas 
sin  oir  cha  d'  fhan  gin  de  na  daoine  a  ghabh 
air  mhal  e,  an  deidh  do  Fhrannsaidh  Moireas- 
dan fhagail,  na  b'  fhaide  na  seachduin 
ann,  is  thuirt  fear  dhiubh  ris  a'  bhancair 
gu'm  b'  fhearr  leis  dol  do'n  phriosan  seach 
oidhche  eile  a  chur  seachad  ann.  Bha 
fhios  aig  Tormod  MacNeaeail  air  so  uile 
m'an  do  cheannaich  e  an  tigh,  ach  thuirt 
e  nach  robh  eagal  no  giorag  air-san  roimh 
shithiche  no  roimh  thamhasg,  agus  co 
dhiubh,  nach  robh  e  a'  creidsinn  ann  an 
Dia  no  ann  an  deamhan,  ann  an  tamhasg 
no  ann  an  spiorad. 

Log  an  Sgiobair 

Ann  an  Tigh  a'  Chladaich  chiim  e  suas 
aon  de  chleachdaidhean  na  mara  ;  bha  Log 
aige  fo  ghlais  'n  a  sheomar-cadail  anns  an 
robh  e  a'  cur  rud-eigin  a  h-uile  la  tha.  B'e 
so  a'  cheud  rud  a  chuir  e  innte  : — • 

16th  September. — "Ghabh  mi  sealbh  anns  an 
tigh  so  an  de,  mi  fhein  agus  a'  bhean,  Catriona 
mo  nighean,  agus  Murdina  an  t-searbhanta. 
So   co-ainm   aa  la   a  rugadh    mi ;    tha   mi 


6 


PO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


tri  fichead  's  a  eeithir  ach  a'  faireachduinn 
deich  bliadhna  na's  oige,  gun  ghaoid,  gun 
ghalair,  agus  tha  mi  an  dtiil  gu'm  faod  mi 
ann  an  cursa  naduir  fichead  bliadhna  eile 
de  shaoghal  a  ghealltainn  dhomh  fhein. 
Faodaidh  mi  mo  thoil  fhein  a  dheanamh 
ri  m'  uine  ;  eirigh  is  laighe  'nuair  a  thoilich- 
eas  mi  ;  sgriob  a  ghabhail  a  dh'  ionnsuidh 
a'  cheithe  an  deidh  mo  bhraiceis  a  dh' 
fhaicinn  an  robh  cur  maith  aig  na  h-iasgairean 
an  raoir  ;  uair  no  dha  anjis  a'  gharradh 
am  measg  nam  fliiraichean,  agus  an  deidh 
na  dinnearach  am  paipear-naidheachd  agus 
norradh  beag  cadail  gus  am.  bi  e  am  na 
tea  ;  agus  an  sin  rud  air  bith  a  thogras 
mi  no  bhios  cail  agam  air  a  shon.  Tha  mi 
cinnteach  gu  bheil  gu  leor  a  dhaoine  anns 
an  Tairbeart  a  tha  gaolach  air  ceilidh  is 
catrtean." 

17th  September. — "  Aig  ar  braiceas  an 
diugh  bha  sinn  uile  gu  maith  samhach,  a' 
sealltuinn  air  a  cheile  mar  gu'm  biodh  an 
dara  duine  a'  feitheamh  air  an  duine  eile 
a  bhruidhinn.  Bha  a  choltas  air  Murdina 
a  bhi  bharr  a  siiiil,  agus  an  uair  a  dh' 
fhaighnich  Ceit  (mo  bhean)  dhi  an  robh 
dad  cearr  oirre,  's  e  thubhairt  i  na'ch  robh 
dad  cearr  air  a  coguis-se  co  dhiubh,  biiidh- 
eachas  do  Ni-maith.  An  uair  a  bha  Ceit 
agus  Catriona  agus  mise  leinn  fhein  thuirt 
iad  rium  gu'n  robh  tosdachd  agus  samhchair 
an  tighe  anns  an  oidhche  a'  cur  crith  'nam 
feoil  agus  'gan  cumail  o  cliadal,  ach  dh' 
fheuch  mi  ri  dibhearsain  a  dheanamh  dheth, 
ag  radh  riu  gu'n  robh  iad  cho  cleachdte 
ri  straighlich  Ghlaschu  's  gu'n  robh  sith 
agus  samhchair  bheannaichte  na  dutheha 
'n  a  oilbheum  d'  am  poraibh." 

20th  September. — "  Tha  mi  air  m'  fhagail 
leam  fhein.  Anns  a'  mhaduinn  thuirt 
Murdina  gu'n  robh  a  piuthar  ann  am  Barbhas 
bochd  agus  gu'm  feumadh  i  dol  dhachaidh, 
agus  an  taobh  a  stigh  a  dh'  uair  an  uaireadair 
bha  i  fhein  agus  a  ciste  air  falbh.  Thuirt 
Ceit  agus  Catriona  gu'n  robh  acasan  ri  dol  do 
Ghlaschu  ann  an  cabhaig  air  thurus  sonraich- 
te,  ach  gu'n  tigeadh  seana  Mrs  Mac  Culloch 
a  stigh  a  h-uile  latha  a  dheanamh  obair  an 
tighe.  An  taobh  a  stigh  de  dha  uair  bha  iad 
air  falbh  leis  a'  Cholmnba.  Cha  do  leig 
mise  dad  orm,  oir  bha  fhios  agam  gle  mhaith 
gur  e  teicheadh  a  rinn  iad,  agus  mur  b'  e 
gu'm  biodh  e  narach  do  MhacNeacail 
teicheadh,  agus  na  bu  naraiche  do  sgiobair 
a  phosta  air  an  Drochaid  fhagail  theichinn 
fhein  ciiideachd,  oir  an  raoir  fhein  bha  mi 
mar  bha  Eliphas  an  Temanach  a  thubhairt. 
Thainig  eagal  orm  agus  crith,  a  thug  air 
mo  chnamhan  gu  Uir  criothnachadh,  agus 
ghabh    spiorad    seachad    roimh    mo    ghnuis ; 


sheas  fait  mo  chuirp  ;  sheas  e  ach  cha  d' 
aithnich  mi  a  chruth  ;  dealbh  fa  chomhair 
mo  shiil — tosd,  agus  chuala  mi  guth." 

22nd  Septem.ber. — "  Fad  na  maidne  bha 
mi  'nam  shineadh  air  beulaibh.an  tighe  air 
an  fheur,  ag  51  a  steach  do  phoraibh  mo 
chuirp  milseachd  agus  feartan  tlath  a' 
chruthachaidh  ;  maise  nan  craobh,  aile 
an  talaimh,  fuaim  thiirsach  na  fairge  aig  an 
traghadh,  agus  cronan  nam  miltean  de 
mheanbh-chreutairean  a  tha  'gam  foluch 
fhein  anns  an  fheur.  Nach  bu  shona  dhomh 
na'n  robh  m'  inntinn  aig  fois,  ach  anns 
an  dorchadas  tha  mo  chridhe  air  a  riasladh 
le  eagal  agus  teagmhaidhean  agus  uamhann, 
air  chor  agus  nach  'eil  faochadh  no  leigheas 
do'm  chradh  le  cadal.  Fad  na  h-oidhche 
bidh  mi  ag  ikdh  'h  am  eigin,  "c'  uin  a  thig 
a'   mhaduinn  ?  " 

23rd  September. — "  Nach  bu  dalma  mise 
anns  na  laithean  a  bhithinn  ag  radh  nach 
'eil  Dia  ann,  no  deamhan,  no  tamhasg,  no 
spiorad.  Co  dhiubh  a  tha  Dia  ann  no  nach 
'eil,  tha  an  tigh  so  Ian  dheamhan  agus 
thamhasg  agus  spioradan,  agus  chan  e  an 
fheadhainn  a  bha  ann  am  Frannsaidh 
Moireasdan  as  miosa,  ged  a  dh'  fhag  iad  an 
comharradh  agus  an  cruth  agus  an  dealbh 
air  na  ballachan,  agus  a  thug  iad  air  mo 
theaghlach-sa  agus  air  teaghlaichean  eile 
teicheadh  romhpa  agus  bhuapa,  ach  an 
fheadhainn  a  tha  annam  fhein  ;  tamhaisg 
nan  laithean  agus  nan  oidcheannan  narach 
agus  peacach  a  bha  agam  fhein  agus  Captain 
Keay  agus  Captain  Porteous  ann  an  Hong- 
Kong  agus  an  Shanghai.  An  uair  a  leagas 
mi  mo  cheann  air  a'  chluasaig,  bidh  mi 
'gam  faicinn  air  mo  bheulaibh  agus  'gan 
cluinntinn  air  mo  chiilaibh,  a'  ruidhleadh 
air  feadh  an  tighe  agus  a'  magadh  orm  le 
facail  as  a'  Bhiobull,  a'  lachanaich  agus  a' 
cur  'nam  chuimhne  gu'n  robh  mi  aon  uair  a' 
creidsinn  ann.  Och,  och,  is  duine  truagh 
mi ;    CO  shaoras  mi  o  chorp  a'  bhais  so  ?  " 


Ma  bha  an  corr  anns  an  Log  chan  'eil  e  a 
lathair  an  diugh,  agus  chan  'eil  fhios  agam 
ciod  a  bu  chrioch  do  Thormod  MacNeacail. 
Chuala  mi  gu'n  d'  iarr  e  comhairle  air 
doctair  an  deidh  doctair,  air  psychologists, 
agus  psychiatrists,  pseudo-sophists,  ach  nach 
robh  iocshlaint  aca  air  a  shon. 

Tha  Dia  a'  gluasad  ann  an  doighean 
diomhair  agus  iongantach,  agus  co  aige 
tha  fhios  nach  robh  e  ag  iarraidh  air  leis 
na  nithean  a  thachair  ann  an  Tigh  a' 
Chladaich  dol  air  ais  do  Steornabhagh, 
direach  mar  a  thubhairt  e  ri  lacob,  Eirich, 
imich  suas  gu  Betel,  agus  gabh  cdmhnuidh  an 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


sin,  agus  dean  an  sin  altair  do  Dhia,  a 
dK  fhoillsich  e  fein  dhuit  an  uair  a  theicJi 
ihu  o  ghnUis  Esau,  do  bhrathair. 

(Tha    nithean    talmhaidh    agus    nithean 
spioradail   air    am   filleadh    'na    cheile    cho 


dltith  's  gu  bheil  cuid  de  dhaoine  ttirail  a' 
cumail  a  mach  gu'm  fag  na  smuaintean  a 
tha  'n  ad  chridhe  an  larach  agus  an  dath 
air  ballachan  an  t-seomair  anns  a  bheil 
thu  'n  ad  shuidhe.     Smuain  eagallach  !) 


Aig  an  Uinneig 


Am  Foghar 

THA  mi  'ga  sgriobhadh  so  air  an  ochdamh 
l^  deug  de  September,  an  deidh  dhomh 
tighinn  dhachaidh  as  an  eaglais,  far  an 
robh  e  air  eigheach  gu'm  biodh  seirbhis- 
bhuidheachais  agaum  air  son  an  Fhoghair 
air  an  ath  Shabaid.  Sin  rud  nach  'eil  a' 
tachairt  trie,  am  barr  uUe  cruinn  agus  na 
cruachan  tughta  anns  an  iodhlainn,  agus 
na  crainn  a  mach  a'  treabhadh  agus  a' 
deasachadh  a'  ghruinnd  air  son  bhadhna 
eile  air  an  treas  seachduin  de  September. 
Ach  tha  Loudie  trath,  is  bha  an  samhradh 
agus  toiseach  an  Fhoghair  cho  tioram  agus 
cho  bl^th  's  nach  robh  e  duilich  do  thuath- 
anaich  faotainn  air  an  aghaidh  leis  an  obair. 
Mur  bheil  iad  toihchte  le'n  crannchur  am 
bhadhna  cha  bhi  iad  toihchte  gu  brath  ; 
birr  maith,  ann  an  ordugh  maith  ;  prisean 
mora  air  crodh  is  caoraich,  agtis  gun  chamadh 
'nan  crannchur  ach  nach  'eil  fhios  aca  gu 
de  cho  fada  's  a  mhaireas  na  timeannan 
maith  a  tha  aca.     ' 

Ach  ged  is  e  an  tuathanach  a  tha  a'  cur 
agus  a'  buain,  is  e  Dia  a  tha  toirt  fas,  agus 
is  ann  dhasan  a  bhutneas  moladh  agus 
buidheachas.  Agus  ciod  an  t-6ran-molaidh 
as  freagarraiche  dhuinn  a  bhi  seinn  aig  an 
am  so  de'n  bhliadhna  na'n  t-salm  (LXV). 

An  talamh  tha  thu  fiosrachadh 
's  'ga  uisgeachadh  gu  reidh  ; 

Le  abhainn  Dhe  tha  Ian  de'n  uisg' 
trom  beartach  ni  thu  e. 

Dhaibh  arbhar  tha  thu  deasachadh 
le  d'  fhreasdal  caomha  fein  ; 

'S  ag  uisgeachadh  le  pailteas  mor 
nan  iomairean  gu  min. 

Mu'n  bhliadhna  coron  tha  thu  cur 
le  d'  mhaitheas  fein,  a  Dhe  ; 

Tha  saill  a'  sUeadh  anns  gach  ait' 
o  d'  cheumannaibh  gu  reidh. 

Na  cluaintean  air  an  sgeadachadh 

le  treudaibh  anns  gach  ait ; 
Na  glinn  le  arbhar  folaichte, 

a'  seirm  le  h-iolach  ard. 


An  Naomh  Aindreas 

Ann  an  November  tha  tri  liithean  nach 
'eil  sinn  a'  dichuimhneachadh  uair  air  bith  ; 
an  la  anns  a  bheil, cuimhne  air  a  chumail  air 
crioch  a'  chogaidh  (1914-1918)  agus  air  na 
gillean  a  bha  air  an  call  ann  ;  an  t-aona  la 
deug  air  a  bheil  an  Fheill  Martainn  a' 
tuiteam  (ann  an  cuid  de  ghnothuichean  air  an 
ochdamh  la  fichead),  agus  an  deicheamh 
la  fichead  air  a  bheil  Feill  an  Naoimh 
Aindreas  a'  tuiteam. 

Tha  na  laithean  sin  air  an  cumail  ann  an 
caochladh  dhoighean,  a'  cheud  fhear  gu 
soluimte  agus  gu  diadhaidh  ;  an  dara  fear 
gu  toUichte  no  gu  tursach,  a  reir  mar  a- 
tha  sinn  a'  faotainn  no  a'  paidheadh  airgid 
aig  an  teirm ;  agus  am  fear  mu  dheireadh 
air  a  chur  seachad  am  bitheantas  leis  na 
daoine  a  bhios  'ga  chumail  ag  itheadh  agus 
ag  61  agus  a'  boUich,  ged  nach  robh  bostruinn 
no  boUich  anns  an  duine  ghrinn  air  a  bheil 
an  la  air  ainmeahcadh. 

Tha  e  duilich  a  radh  car  son  a  ghabh 
Albainn  ris  an  Naomh  Aindreas  mar  a 
patron  no  a  fear-taic,  oir  cha  robh  e  riamh 
anns  an  eilean  so,  agus  cha  robh  gin  de  na 
h-abstoU  a  b'  eu-coltaiche  ris  na  daoine 
againne.  Cha  mhor  nach  'eil  a  cheumanna 
cho  duilich  an  lorgachadh  agus  eachdraidh 
a  bheatha  cho  dorcha  ri  obair  agus  miorbh- 
uilean  Chaluim-cille,  ach  theagamh  gu  bheil 
e  fior  gu'n  do  shearmonaich  e  anns  a'  Ghreig 
agus  an  aitean  eile  anns  na  criochan  sin  a 
bhuuieas  an  diugh  do  Ruisia  agus  do'n 
Tuirc.  Tri  cheud  bliadhna  an  deidh  a 
bhais  mar  mhartarach  bha  a  chnamhan 
air  an  toirt  do  Chonstantinople,  ach  an 
uair  a  thainig  briseadh  eadar  an  eaglais 
Shiar  agus  an  eaglais  Shear  bha  iad  air 
an  toirt  do'n  Eadailt,  agus  air  an  tiodhlacadh 
anns  an  eaglais  a  tha  air  a  coisrigeadh  dha, 
dltith  air  Naples.  Chan  urrainnear  a  bhi 
cinnteach  ciamar  a  thugadh  pasgan  dhiubh 
do  ChiU-rimhinn,  am  Fiobh,  (ged  tha  e  air 
a  radh  gu'n  d'  thugadh  an  sin  iad  a  Hexam 
an  Northumbria  mu'n  bhliadhna  736)  no 
a  bhi  cinnteach  gur  e  cnarahan  an  Naoimh 
Aindreas  a  tha  ann  idir. 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


Anns  an  raiteachas  agus  an  stri  a  bha 
eadar  Albainn  is  Sasunn  troimh  na  linntean 
bha  Albainn  a'  cur  Ni-maith  agus  cnamhan 
Aindreais  eadar  i  fhein  agus  Sasunn,  agus 
a'  cur  bratach  agus  crois  an  Naoimh  oirre 
air  thoiseach  orra  arms  na  blaraibh,  a' 
creidsinn  gu'n  robh  Aindreas  'na  neart 
agus  'na  thaic  dhaibh.  Agus  feumaidh  e 
bhith  gu'n  robh,  oir  cha  do  chiosnaicheadh 
Albainn  riamh. 

Chan  'eil  moran  iomraidh  air  a  dheanamh 
an  Albainn  an  diugh  air  Aindreas  no  air 
gin  eile  de  na  Naoimh  ;  an  uair  a  chruinnich- 
eas  maithean  a'  Gholf  do  Chill-rimhinn 
'nan  ceudan  ann  an  camh-fharpuis  nach 
'eil  daonnan  diadhaidh  a  thaobh  cainnte, 
mar  bhiodh  na  h-Iudhaich  a'  dol  suas  do'n 
bhaile  naomh  aca  fhein  air  turus  a  b'  fhearr, 
tha  mi  cinnteach  nach  ann  air  na  Naoimh 
a  bhios  an  aire  ach  air  na  h-Americanaich. 

Anndra  Carnegie 

Ged  nach  'eil  Anndra  Carnegie  air  aii'eamh 
am  measg  nan  Naomh  ann  am  Feillire  na 
h-Eaglais  bha  e  'na  thaic  agus  'na  neart 
do  bharrachd  dhaoine  an  Albainn  na  bha 
gin  eile  air  a  bheil  cuimhne  agam.  Ged  nach 
robh  e  iriosal,  no  daonnan  glic  'na  theangaidh, 
gu  sonruichte  am  m.easg  dhaoine  foghluimte 
a  bhiodli  a'  bruidhinn  air  nithean  air  nach 
robh  e  eolach,  no  bha  os  cionn  a  thuigse, 
bha  e  coibhneil  gu  nadurra  agus  baigheil  ri 
daoine  bochd,  m.ur  e  deoch  no  leisg  a  rinn 
bochd  iad.  Tha  rann  ann  an  soisgeul  Lucais 
nach  'eil  mi  uUe  gu  leir  cinnteach  ciod  a 
tha  i  a'  ciallachadh,  "  Deanaibh  dbuibh 
fein  cairdean  le  Mamon  na  h-eucorach, 
chum  an  uair  a  shiubhlas  sibh  gu'n  gabhar 
sibh  do  aitean-comhnuidh  siorruidh,"  ach 
ma  tha  e  a'  ciallachadh  an  rud  a  tha  mi  a' 
saoilsinn,  feumaidh  gu'n  robh  Reiseamaid, 
no  Brigade  a  dh'  ainglean  cairdeil  a'  feith- 
eamh  air  an  taobh  thall,  a  dheanamh  beatha 
Anndra  Carnegie  aig  uair  a  bhais  d'a 
aite-comhnuidh  siorruidh,  geard  ainglean  aig 
an  robh  fhios  air  miltean  gniomh  maith  a 
rinn  e  air  an  taobh  so  bhos  le  airgiod  ; 
"  Mamon  na  h-eucorach,"  mar  tha  am 
BiobuU  Gaidhlig  ag  radh,  no  "  Mamon  mi- 
onorach  's  mar  tha  e,"  mar  tha  an  t-Ollamh 
Seumas  Moffat  'g  a  chur. 

An  robh  an  t-airgiod  a  rinn  Carnegie  air 
a  dheanamh  gu  h-eucorach  ?  Sin  ceist  a 
thogas  connsachadh  an  aite  air  bith  an 
cuirear  i ;  connsachadh  anns  an  cluinn 
thu  Sannt,  agus  Farmad,  agus  Mi-cheill, 
agus  Fuath,  agus  Droch  amharus,  agus 
sgaoth  eile  de  chlann  Iain  Bhunyan  a' 
glaodhach  aird  an  cinn  gur  e  'n  duine  beartach 
namhaid   an    duine   bhochd,    agus   nach   bi 


rath  air  an  t-saoghal  gus  am  bi  na  tha  ann  a 
dh'  airgiod  air  a  roinn.  Ach  thug  Carnegie 
seachad  le  thoil  fhein  m'  an  do  shiubhail  e 
muilleanan  de'n  airgiod  a  rinn  e  gu  h- 
onarach  air  chor  agus  gur  h-iomadh  rud 
as  neonaiche  a  dh'  fhaodamaid  a  dheanamh 
na  cuimhne  a  chumail  air  fhialaidheachd 
air  an  la  mu  dheireadh  de  November  a 
h-uUe  bliadhna. 

Ged  nach  deanadh  e  dad  eile  ach  dorsan 
nan  oilthighean  fhosgladh  na  b'  fharsuinge 
do  dh'  oileanaichean  bhochda  leis  na  fees 
aca  a  phaigheadh,  bu  mhor  agus  bu 
mhaith  an  gniomh  sin  fhein.  'S  e  am  Morair 
Dearg  Craigrnyle,  a  b'  fhearr  a  b'  aithne 
dhuinn  fo'n  ainm  Tomas  Shaw,  a  chuir  so 
'na  chluais  an  toiseach.  Bha  e  fhein  agus 
Shaw  gu  maith  mor  aig  a  cheile.  B'  e  a' 
bhann  laidir  a  bha  eatorra  gu'n  robh  iad 
le  cheile  air  an  togail  gu  maith  lom  anns 
an  aon  bhaile,  agus  gu'm  bu  mhaith  leo 
cothrom  a  thoirt  do  bhalaicb  thapaidh 
eile  nach  d'  fhuair  iad  fhein  'nan  oige. 

An  uair  a  dh'  innis  Shaw  do  Sir  Henry 
Campbell-Bannerman  gu'n  robh  Carnegie 
a'  dol  a  thoirt  seachad  muillion  gu  leth 
dollar  do'n  Charnegie  Trust,  's  e  thubhairt 
e,  "A  Thighearna,  gleidh  sinn  !  " 

Cuibhrionn  na  Cloinne 

Chan  'eil  ann  fhathast  ach  fasan  ixr,  a  bhi 
toirt  searmon  beag  do'n  chloinn  roimh 
an  t-searmon  eile,  ach  b'  fhearr  learn  nach 
do  thoisich  e  riamh,  oir  am  bitheantas  tha 
an  searmon  cho  leanabail,  no  cho  baoghalta, 
no  cho  beag  seagh  ann,  's  gu'm  biodh  e  'na 
ionghnadh  mur  bheil  a'  chlann  fhein  a' 
deanamh  tair  air  'nan  cridhe.  Tha  mi  an 
dochas  gu  bheil  daoine  eile  na's  fortanaiche 
na  mise,  agus  gu'm  bi  iad  air  uairean  a' 
cluinntinn  shearmon  do'n  chloinn  as  fhiach 
eisdeachd  riu.  Chan  'eil  teagamh  nach  'eil 
feadhainn  de'n  t-seorsa  sin  air  an  toirt 
seachad  a  h-uile  Sabaid  an  sud  agus  an  so, 
agus  gu  bheil  ministearan  anns  an  eaglais 
aig  a  bheil  ealain  shonruichte  air  labhairt  ri 
cloinn,  ach  b'  fhearr  do'n  mhor-chuid  de 
mhinistearan  leigeil  leis  a'  chloinn  greim 
fhaotainn  as  an  aon  mheis  ri'm  parantan. 
Theid  aig  cloinn  thurail  air  barrachd  a 
thogail  a  searmon  na  shaoileadh  tu. 

Ach  ma  dh'  fheumas  ministearan  bruidhinn 
ris  a'  chloinn  tha  gu  leoir  de  naidheachdan 
maith  anns  an  t-Seann  Tiomnadh  a  dh' 
fhaodas  iad  innseadh  seach  a  bhi  ag  innseadh 
naidheachdan  faoin  anns  nach  'eil  air 
uairean  tur  no  firinn,  agus  aig  nach  'eil 
crioch  araidh  eile  ach  gaire  a  thoirt  air  a' 
choimhthional. 


Aireamh  12 


1949 


Sgeul  aoibhneach  na  NoUaige 

{Am  Biobull,  na  Baird,  na  Naoimh,  agus  Carl  Earth) 


"  AGUS  chaidh  Joseph  mar  an  ceudna  suas 
o  Ghalile  gii  baile  Dhaibhidh,  d'an  gairmear 
Betlehem,  chum  gu'm  biodh  e  ak  a  mheas 
maille  ri  Muire  a  bha  fo  cheangal-posaidh 
dha,  agus  i  m6r-thorrach.  Agus  tharladh, 
am  feadh  a  bha  iad  an  sin,  gu'n  do  choimh- 
lionadh  laithean  a  h-inbhe,  chum  i  bhi  air 
a  h-aisead.  Agus  rug  i  a  ceud-ghin  mic, 
agus  phaisg  i  e  ann  am  brat-speilidh,  agus 
chuir  i  'na  laighe  ann  am  prasaich  e,  do 
bhrigh  nach  robh  aite  aca  's  an  tigh-osda." — • 
Lucas  II,  4-7. 

'S  e  fulangas  mo  Shlanuigheir 
A  bhios  mo  dh^n  a'  luaidh  ; 
Mor-irioslachd  an  Ard-righ  sin, 
'Na  bhreith,  's  'na  bhas  ro  chruaidh  ; 
'S  e  'n  t-iongantas  bu  mhiorbhuilich' 
Chaidh  innse  riamh  do  shluagh, 
An  Dia  bha  ann  o  shiorruidheachd 
Bhi  fas  'na  chiochran  truagh. 

Rugadh  an  st^buU  diblidh  e 

Mar  dhUleachdan  gun  treoir  ; 

Gun  neach  a  dheanadh  cairdeas  ris 

No  bheireadh  fardach  dho  ; 

Gun  mhuinntir  bhi  'ga  fhrithealadh 

No  uidheam  mar  bu  choir, 

Ach  eich  is  daimh  'ga  chuartachadh, 

D'  an  dual  gach  uUe  ghloir. 

— Diighall  Bochanan. 

Eisd  'san  iarmailt  oran  binn, 

Gloir  gun  chrioch  do  Righ  nan  Righ, 

Sith  air  thalamh  's  trocair  sheimh, 

Dia  is  daoine  reidJi  ri  cheil' ! 

Duisgibh  suas,  a  shloigh  gu  leir, 

'S    freagraibb    caithream-bhuaidJi    nan 

speur  ; 
Togadh  talamh  's  neamh  an  guth, 
Rugadh  losa  Criosd  an  diugh. 

Feuch  an  diadhachd  anns  an  fheoil, 
SgaU  na  daonnachd  air  a  ghloir  ; 
Ghabh  e  tlachd  an  comunn  dhaoin',^ 
losa,  ar  Imanuel  caomh ! 

Eisd  'san  iarmailt  oran  bum, 
Gloir  gun  chrioch  do  Righ  nan  Righ. 
— Tearlach    Wesley,    air    a    chur    an 
Gaidhlig  leis  an  OllamJi  Dhomh- 
nuUach  nach  maireann. 


"  Irioslachd  Chriosd!  Ciod  am  feum 
dhuit  ard-chonnspaid  a  dheanamh  m'  an 
Trianaid  ma  mhi-thoilicheas  tu  an  Trianaid 
le  dith  na  h-irioslachd.  Da  rireadh  chan  e 
ard-bhriathran  a  ni  neach  naomh  is  ionraic 
ach  gaol  a  bhi  'na  chridhe  do  Dhia.  Na'm 
b'  aithne  dhuit  am  Biobull  uile  air  do  thean- 
gaidh,  agus  na'n  robh  thu  eolach  air  uile 
bhriathran  nan  daoine  glic,  ciod  a'  bhuan- 
nachd  a  bbiodh  ann  dhuit  gun  ghradh 
gun  irioslachd.  Is  iongantach  an  ni  e, 
a'  dol  thairis  air  tuigse  dhaoine,  gu'm 
biodh  tusa,  a  Thighearna,  'n  ad  fhior  Dhia 
agus  'n  ad  fhior  dhuine,  ach  is  coir  do  gach 
uile  reuson  agus  lorgaireachd  an  Creideamh 
a  leantuinn,  agus  chan  e  dol  roimhe  no 
'n   a   aghaidh." — Tomas   a    Kempis. 

"  0  Shlanuigheir  chaoimh,  cuir  ola  'n 
ar  lochraih  chum  's  gu'n  dealraich  ar  solus 
anns  an  t-saoghal,  agus  gu'n  Itighdaich  e 
dorchadas  an  t-saoghail  Agus  leis  an  t-solus 
a  bheir  thu  dhuinn  deonaich  gu'm  faic  sinn 
an  t-ionad  naomh  far  a  bheil  thusa  beo 
gu  siorruidh,  agus  far  am  bi  ar  n-ionndrainn 
agus  ar  tathaicb  agus  gaol  ar  cridhe." 

Urnuigh  Chaluim-cille. 

Creideam  ann  an  losa  Criosd,  aon  mhac- 
san,  ar  Tighearna,  neach  a  ghineadh  o'n 
Spiorad  Naomh,  a  rugadh  leis  an  Oigh 
Muire  .  .  . 

"  Sin  teis-meadhon  a'-  Chreidimh  Chrios- 
duidh.  Chan  ann  air  ar  facal-ne  a  tha  an 
fhirinn  so  ri  bhi  air  a  creidsinn  agus  air 
gabhail  rithe  ach  air  facal  Dhe,  an  t-Athair 
uile-chumhachdach.  Chan  'eil  an  t-ainm 
agus  an  t-inbhe  a  bhuineas  do  losa  Criosd 
o  shiorruidJaeachd  air  a  thoirt  dh^  le  ar 
beachd-ne  no  le  ar  breithneachadh-ne ; 
tha  e  air  a  thoirt  dha  le  Dia,  agus  tha  an 
t-eolas  sin  air  a  thoirt  dhuume  le  creideamh 
agus  le  creideamh  a  mhain. 

Tha  am  facal  so  "a  ghineadh  o'n  Spiorad 
Naomh"  a'  ciallachadh  gm'  ann  ann  an  Dia 
a  thoisich  beatha  thalmhaidh  Chriosd  mar 
chreutair,  dealaichte  o  chreutairean  eile, 
agus  mar  sin  gur  e  bith  no  beatha  Dhe  a 
tha  ann,  agus  tha  am  facal  a  rugadh  leis 
an    Oigh    Muire    a'    ciallachadh    gu    bheil 


SGEUL   AOIBHNEACH  NA  NOLLAIGE 


beatha  Dhe  fhein  ann  an  losa  Criosd,  ged 
is  e  Dia  an  Cruithear,  a'  toiseachadh  ann 
an  creutair  daonna.  Le  cheile  tha  an  da 
fhacal  a'  ciallachadh  gu  bheil  Dia  agus  an 
duine  'n  an  aon,  'nan  aon  ann  an  losa 
Criosd  a  bha  air  a  ghineamhuin  o'n  Spiorad 
Naomh. 

Binneadh  am  Facal  'n  a  fhedil.  Cha  robh 
aobhar  no  eigin  gu'm  feumadh  am  Facal 
a  bhi  'n  a  fheoil,  agus  cha  mho  a  tha  eolas 
againn  air  bonn  no  air  doigh  air  bith  anns 
am  faodadh  am  Facal,  air  mhodh  daonna 
a  bhi  air  a  dheanamh  'na  fheoil.  Ach  rinneadh 
e  'na  fheoil ;  tha  an  Dia  bed  agus  f ior 
'na  dhuine  beo  agus  fior  ann  an  losa  Criosd. 
Is  ann  le  shaor  chomhairle  fhein,  le  shaor 
ghras  fhein,  agus  le  shaor  thoil  fhein,  a 
rinneadh  am  Facal  'na  fheoil,  Dia  'na  dhuine. 
Chan  ann  "ma  b'  fhior,"  no  "mar  gu'm 
b'  eadh  "  a  thainig  Dia  gu  daoine  ach  ann 
an  ceart  dha-rireadh,  a  bhi  beo  maille  riu, 
cban  ann  a  dheanamh  an  ni  a  bhios  sinne 
a'  deanamh,  ach  an  ni  a  bhios  sinn  a'  dearmad 
a  dheanamh,  a  thoil-san,  agus  mar  sin 
cruthachadh   ur   a   dheanamh    dhinn.      'Na 


mhorachd  shiorruidh  tha  Dia  foluichte 
bhuainn,  ach  anns  a'  chreideamh  a  tha 
againn  ann  an  losa  o  Nasaret,  a  rugadh 
leis  an  Oigh  Muire  tha  sinn  a'  faicinn  foill- 
seachadla  air  Dia  air  a  dheanamh  'na  mhac, 
'na  bhreith  agus  'na  bhas,  am  Betlehem 
agus    air    Calbhari." 

— -Carl  Barth  (Ian  an  duirn  de  dhiasan 
a  leabhar  leis). 

Chuir  mi  am  Biobull  air  thoiseach  a  chionn 
gu'm  bi  cuimhne  air  Soisgeul  Lucais  an 
uair  nach  bi  cuimhne  idir  air  Diighall 
Bochanan,  no  air  Carl  Barth.  Ma  tha  saoghal 
fada,  no  ainm  a  mhaireas,  ri  bhi  aig  cuid 
de  dhaoine,  tha  mi'n  duil  gur  ann  aig 
naoimh  is  baird  a  bhitheas  e  ;  co  dhiubh 
chan  ann  aig  diadhairean.  Sin  an  t-aobhar 
gu'n  do  chuir  mi  Carl  Barth  air  dheireadh, 
agus  a  dh'  innseadh  na  f  irinn,  tha  aithreachas 
orm  a  nis  gu'n  do  chuir  mi  e  air  an  duUleig 
so  idir.  Rud  air  bith  a  tha  'na  mhiorbhuil 
chan  'eil  ainm  eile  air  a  shon  ach  "  miorbhuil." 
Far  a  bheil  Dia,  an  sin  tha  miorbhuil 
daonnan. 


Anns  a'  Chathair 


ABRADH  ana-creidmhich  na  thogras  iad 
mu'n  BhiobuU,  ach  tha  beatha  mhaireannach 
anns  a'  BhiobuU  nach  'eil  ann  an  leabhar 
eile  air  an  t-saoghal.  Air  feadh  na  talmh- 
ainn  uile  chaidh  fhuaim  a  mach,  agus  ged 
nach  'eil  anns  an  Fhacal  air  uairean  ach 
fuaim  ann  an  cluasan  dhaoine,  air  uairean 
eile  tha  a'  cheart  Fhacal  sin  a'  tighinn  a 
dh'  ionnsuidh  nan  ceart  dhaoine  mar 
chlaidheamh.  Tha  briathran  a'  Bhiobuill 
mar  luchd-frithealaidh  an  Tighearna,  a' 
deanamh  a  thoile  anns  gach  aite  d'  a  thigh- 
earnas,  agus  daonnan  'ga  deanamh  gu 
samhach  agus  gu  diomhair.  Theid  againn 
air  a'  BhiobuU  a  laimhseachadh ;  theid 
againn  air  a  leughadh  agus  a  thuigsinn, 
CO  dhiubh  ann  an  tomhas,  ach  c6  as  urrainn 
a  radh  gu  soiUeir,  ciod  e  facal  an  Tighearna  ? 
Bhiodh  6  oho  furasda  dhuit  innseadh, 
Ciod  e  Dia,  oir  tha  am  Biobull  cho  miorbh- 
uileach  'n  a  bhuadhan  's  a  tha  Dia  miorbh- 
uileach  'n  a  hhith,  spiorad  bed,  neo-chriochnach, 
neo-fhaicsinneach,  siorruidh,  ag  oibreachadh 
gun  sgur  agus  'ga  nochdadh  fhein  anns  an 
t-saoghal  le  fhacal  agus  le  chumhachd. 

Theagamh,  a  leughadair,  gu  bheil  cuimhne 
agad  air  la  air  choireigin  'nad  fhiosrachadh 
fhein,  agus  an  t-aite  an  robh  thu  'n  ad 
sheasamh  aig  an  am,  arms  an  do  leum 
Facal  an  Tighearna  ort ;  earrann  as  a' 
BhiobuU,    cho    laidir,    agus    cho    obann    's 


gu'm  faodadh  tu  a  radh  gu  fior  gu'n  do 
rug  e  air  amhaich  ort,  agus  gu'n  do  ghleachd 
e  riut  gus  an  robh  an  ni  a  bha  Dia  airson  a 
choimhlionadh  annad  air  a  thoirt  gu  bull. 
Theagamh  gu'n  do  leugh  thu  an  earrann 
fichead  uair  no  ceud  uair  roimh  sud,  ach 
cha  do  labhair  i  riut  is  bha  i  gun  bhrigh 
dhuit  gus  an  do  las  an  teine  a  tha  air  fholach 
anns  an  Fhacal,  agus  an  robh  e  mar  theine 
'n  ad  chnamhan,  a'  toirt  breith  air  smuaintean 
agus  rtiintean  do   chridhe. 

Iain  Bunyan 

Tha  tri  nithean  ann  nach  biodh  e  glic 
do  dhuine  dol  'n  an  aghaidh  ;  a  choguis 
fhein,  am  Biobull,  agus  fianuis  dhaoine 
diadhaidh.  "Is  an-aoibhinn  dhaibhsan," 
tha  Iain  Bunyan  ag  radh,  "  a  chuireas  na 
sgriobtuirean  am  bogha  air  ghleus  'n  an 
aghaidh,"  Cha  robh  Eabhra  no  Greigis 
aig  Iain  Bunyan,  no  am  meanbh-eolas  air 
litir  a'  Bhiobuill  a  tha  aig  sgoilearan,  ach 
b'  aithne  dha  e  mar  is  aithne  do  mharaiche 
cairt  is  combaist  is  sextant,  ag  earbsadh 
riu  a  thoirt  sabhailte  gu  cheann-uidhe. 

An  uair  a  chomhairlich  Dileas  do  Dhochas 
dol  gu  Criosd  thuirt  Dochas  gu'm  biodh 
sin  ro  dhana  dha,  ach  thug  Dileas  leabhar 
dha  a  thoirt  misnich  dha,  "  leabhar,"  ars 
esan,  "  a  tha  fior  agus  cho  seasmhach  ri 
neamh  is  talamh." 


ANNS  A'  CHATHAIR 


An  uair  a  tliuirt  Dochas  nach  robh  fhios 
aige  ciod  a  theireadh  e  'na  urnuigh  ris, 
thuirt  DUeas  nach  leigeadh  e  a  leas  dad  a 
radh  ach  "  A  Thighearna,  dean  trocair 
ormsa  a  tha  'n  am  pheacach,  agus  thoir 
dhomh  eolas  air  losa  Criosd  agus  creideamh 
ann." 

"  An  do  rinn  thu,"  thuirt  Criosduidh, 
"  mar  a  dh'  iarradh  ort  ?  " 

"  Rinn,  uair  agus  uair  eile." 

"  Agus  an  d'  fhoUlsich  an  t-Athair  a 
mhac  ?  "    thuirt    Criosdaidh. 

"  Cha  d'  fhoillsich  a'  cheud  uair,  no  an 
dara  uair,  no  an  treas  uair,  no  an  t-seathamh 
uair." 

"  An  d'  thainig  e  fodhad.  sgur  a  dh' 
urnuigh  ?  " 

"  Thainig,"  arsa  Dochas,  "  ceud  uair." 

"  Agus  car  son  nach  do  rinn  thu  e  ?  " 
arsa  Criosduidh. 

"  Cha  do  rinn,"  arsa  Dochas,  "  a  chionn 
nach  tearnadh  neach  eile  mi  ach  Criosd, 
agus  mur  robh  romham  ach  sgrios  agus 
has  m'  anama  co  dhiubh  gu'n  robh  e  cho 
maith  dhomh  am  has  fhaotainn  aig  cathau- 
nan  grks.  A  thuilleadh  air  sin  thainig  am 
facal  so  'g  am  ionnsuidh,  An  fhaistneachd  air 
a'  cheann  mu  dheireadh  cha  dean  i  hreug  ; 
ged  dhean  i  moille,  feith  rithe,  oir  gu  deimhin 
thig  i  ;    cha  bhi  i  air  dheireadh. 

Shaoileadh  tu  gu  bheil  iomadh  rann  anns  a' 
BhiobuU  a  b'  fhearr  agus  a  bu  fhreagarraiche 
air  peacach  a  bha  ag  urnuigh  ri  Dia  gun 
fhreagairt  fhaotainn,  ach  tha  e  coltach 
gu'n  do  leum  am  facal  dorcha  ud  air  Iain 
Bunyan  gun  sireadh  gun  iarraidh,  agus 
gu'n  robh  e  dha  'na  fhacal  beo  o  bheul  an 
Tighearna. 

Anns  a'  chuideachd  a  bha  ann  am  Port 
Royal  arms  an  t-seachdamh  linn  deug 
(agus  Pascal  'n  am  measg),  cuideachd  a 
bha  cho  neo-shaoghalta  's  nach  bu  truagh 
leo  iad  fhein  a  bhi  as  eugmhais  comhfh- 
urtachd  an  t-saoghail  ach  a  mhain  Dia 
a  bhi  aca,  bha  lighiche  caomh  a  bhiodh  a' 
dol  na  b'  fhaide  a  mach  na  Port  Royal  a 
leigheas  nam  bochd  an  asgaidh.  Bhiodh  e 
daonnan  a'  coiseachd  a  chionn  gu'n  robh  e 
cho  bochd  's  nach  b'  urrainn  e  each  fhaotainn. 
Bha  daoine  a'  com  hair  leachadh  dha  sgur 
d'  a  obair  an  uair  a  dh'  fhas  e  aosda  is  anfhann, 
ach  fhreagair  e  iad  daonnan  leis  an  rann 
so  as  a'  Bhiobull,  'ga  fhireanachadh  fhein, 
Chaidh  Ahasiah  mac  lehoraim  sios  a  dh' 
fhaicinn  loraim  ann  an  lesreel  a  chionn 
gu'n  robh  e  tinn.  An  uair  nach  b'  urrainn 
dha  dol  a  dh'  fhaicinn  dhaoine  tinne  air  a 
ehois  bhiodh  e  a'  marcachd  air  asail  agus 
a'  leughadh  a'   BhiobuUl  anns  an  dioUaid. 


Bha  na  briathran  so  aige  ann  an  crochadli 
air  an  diollaid,  "  Mur  leighis  Dia  na  daoine 
tinn  tha  an  lighiche  a'  saothrachadh  gu 
diomhain,  oir  chan  e  lus  no  sabh  no  ola- 
ungaidh  a  bheir  sl^tnte  ach  t'  fhacal-sa, 
a  Thighearna." 

R.  W.  Dale 

B'  fhada  an  glaodh  o  Phort  Royal  gu 
Birmingham,  ach  b'  fhaide  na  sin  o  cheile  an 
lighiche  Hamon  agus  an  t-Ollamh  mor  mor 
R.  W.  Dale,  diadhair  cho  domhain  ach  cho 
soUleir  cuideachd  ri  gin  a  bha  beo  'na  linn. 
Bha  inntinn  laidir  ordail  aige,  agus  anns 
na  searmoin  chomasach  a  bhiodii  e  a' 
liubhairt  chan  fhaigheadh  tu  moran  de 
bhriathran  a'  Bhiobuill  air  an  cur  an  coinn- 
lear  leo  fhein  agus  air  an  cur  air  a'  bhord 
far  am  faiceadh  tu  plathadh  soluis  a'  dol 
a  mach  bhuapa.  Cha  b'  ann  mar  sin  idir 
a  bhiodh  R.  W.  Dale  ag  obair.  Bha  an 
togail  air  a  cur  suas  gu  h- ordail  agus  gu 
cunbhallach  agus  gu  diongmhalta^  gun  t'  aire 
air  a  tharruing  gu  clach  shonraichte  ach 
do  shuil  air  a  cumail  daonnan  air  an  togail 
laidir  a  bha  e  a'  cur  suas  le  neart  agus  solus 
a  reusoin  agus  a  bhreithneachaidh.  Chuireadh 
Campbell  Morgan  barrachd  choinnlearan 
air  a'  bhord  as  a'  Bhiobull  air  aon  Sabaid, 
agus  lasadh  e  iad,  na  dheanadh  searmonaiche 
air  bith  eile  a  chuala  mi  riamh.  Air  uairean 
dh'  fhaodadh  amharus  a  bhi  agad  gur  e 
fhein  a  bha  cur  ann  am  Facal  an  Tighearna 
na  neamhnaidean  a  bha  e  a'  toirt  as. 

Uair  a  bha  mi  ann  an  Lunnainn  chaidh 
mi  air  feasgar  seachduin  do'n  sgoil  Bhiobuill 
aig  Campbell  Morgan.  An  uair  a  chuala 
mi  gu'n  robh  e  a'  dol  a  bhruidhinn  mu'n 
deicheamh  caibideil  de  leabhar  Genesis  thuit 
mo  chridhe  is  mo  chail,  oir  ma  tha  fasach 
tioram  o  thoiseach  gu  deireadh  a'  Bhiobuill, 
sud  e  ;  Mic  lapheit ;  Gomer  agus  Magog, 
agus  Madai,  agus  laphan,  agus  Tubal 
agus  Mesech  agus  Tiras,  agus  da  rann  dheug 
air  fhichead  eile  de'n  t-seorsa  sin,  ginealaich- 
ean  Noah  gus  nach  'eil  fhios  agam  cia 
mend  glim.  Ach  thug  e  teagasg  agus  biadh 
agus  beatha  as  na  h-ainmean  ud  a  tha 
cuimhne  agamsa  air  cuid  mhaith  dheth 
fhathast,  agus  ged  bha  amharus  agam  gu'n 
d'  thug  e  asda  -  rud  nach  robh  annta  o 
thoiseach,  thug  e  dhuinne  a  bha  ag  eisdeachd 
ris  cutrm  de  nithean  blasda,  Ian  de  smior, 
agus  fion  aosda  air  a  dheagh  tharruing. 
Ach  tha  sm  a'  togail  na  ceiste  ;  Ciod  e 
Facal  an  Tighearna,  no  c'  aite  a  bheil  a 
chomhnuidh  aige  ? 

"Mar  is  fhaide  tha  mi  a'  meamhrachadb. 
air  fiosrachadh  is  faireachduinean  m'  anama 
fhein,"   sgriobh    R.   W.    Dale,    "is   ann   as 


ANNS  A'  CHATHAIR 


iongantaiche  agus  as  miorbhuiliche  a  tha 
gluasad  mo  chridhe  fhein  an  taobh  a  stigh 
dhiom.  Aig  amannan  thig  cudthrom  is 
sprochd  air  m'  inntinn  a  chuireas  sios  mi 
do  dhoimhneachdan  eagallach,  gun  solus 
gun  mhisneach  gun  treoir,  agus  gun  fhios 
agam  ciod  is  aobhar  do  m'  thruaighe, 
Ged  theid  mi  thairis  'nam  inntinn  fhein 
air  geallaidhean  seasmhach  Dhe,  agus  cia 
lion  aobhar  a  tha  agam  air  dearbhachd 
agus  aoibhneas  na  slainte  a  bhi  'n  am  chridhe, 
chan  'eil  feum  dhomh  ann,  oir  cha  tog  an 
reusonachadh  no  an  argumaid  as  cudth- 
romaiche  am  brat  dubh  dorcha  ud  dhiom. 
Agus  an  sin,  gun  stri  gun  oidhirp,  maith 
dh'  fhaoidte  gu'n  teid  facal  as  a'  BhiobuU 
mar  shaighead  'n  am  inntinn,  agus  gu'n 
sgaoU  na  neoil  dhubha  mar  a  sgaoileas  a' 
ghrian  an  ceo.  Cha  chuireadh  so  uiread 
ionghnaidh  orm  na'm  b'  e  aon  a  dh'  fhirinnean 
mora  an  t-soisgeil  a  bha  ahns  an  fhacal, 
ach  gle  thric  cha  robh  ann  ach  facal  neonach 
nach  robh  fhios  agam  ciod  a  bha  e  a'  ciallach- 
adh,  no  ciod  am  buintealas  a  bha  aige  ri 
m'  shuidheachadh-sa,  no  cuimhne  agam  gu'n 
robh  e  idir  'n  am  inntinn." 

An  do  chuir  Dia  a  mach  e  mar  a  chuir 
Noah  a  mach  an  calaman  air  aghaidh  nan 
uisgeachan  ? 

Iain  Wesley 

Cha  robh  a  bheag  de  dhaoine  air  an  t- 
saoghal  riamh  aig  an  robh  barrachd  eolais 
agus  gaoil  air  a'  BhiobuU  na  bha  aig  Iain 
Wesley.  Choisrig  e  uair  an  uaireadair  do 
Dhia  a  h-uile  maduinn,  ag  urnuigh  agus  a' 
leughadh  a'  BhiobuUl.  An  latha  a  dh' 
fhiosraich  e  an  lan-dearbhachd  a  fhuair  e 
aig  a'  choinneamh-fheasgair  bha  'inntinn 
Ian  de  dh'  earrannan  soisgeulach  as  a' 
Bhiobull.  "  Aig  coig  uairean  's  a'  mhaduinn," 
tha  e  ag  radh,  "  dh'  fhosgail  mi  am  Biobull 
far  a  bheU  e  sgriobhta  (II  Peadar,  I,  4), 
"  Thugadh  dhuinn  geallaidhean  ro  mhor 
agus  luachmhor,  chum  gu'm  biodh  sibhse 
air  'ur  deanamh  'n  ur  luchd-comhphairt 
de  nadur  na  diadhachd,  air  dhuibh  dol  as 
o'n  truaUlidheachd  a  tha  anns  an  t-saoghal 
tre  anamiann."  An  uair  a  bha  mi  dol  a 
mach  dh'  fhosgail  mi  am  Biobull  a  ris  aig  an 
fhacal  so,  "  Chan  'eil  thu  fada  o  rioghachd 
Dhe."  An  deidh  na  dinnearach  chaidh 
mi  do'n  Eaglais  Mhoir,  Eaglais  an  Naoimh 
Pol,  far  an  robh  Facal  Dhe  air  a  sheinn, 
"  O  na  doimhneachdan  ghlaodh  mi  riut,  a 
Thighearna,  .  .  .  ma  chomharaicheas  tusa 
aingidheachd,  c6  sheasas  'n  ad  lath  air,  ach 
agadsa,    a    Thighearna,    tha    maitheanas." 


Gun  a  bhi  ro  thogarrach  a  dhol  ann  chaidh 
mi  do  chomunn  bhr^ithrean  a  bha  cruinn 
ann  an  SrMd  Aldersgate.  Bha  fear  dhiubh 
a'  leughadh  na  sgriobh  Luther  mu  litir 
Phon  chum  nan  Romanach,  agus  an  uair 
a  rainig  e  an  t-^ite  far  an  robh  e  ag  innseadh 
mu'n  atharrachadh  a  tha  air  a  dheanamh 
ann  an  cridhe  duine  tre  chreideamh  ann 
an  Criosd  dh'  fhairich  mi  mo  chridhe  fhein 
a'  leaghadh  le  gradh  ann  an  doigh  iongan- 
tach." 

Bha  anam  Wesley  air  uUachadh  air  son  na 
h-uarach  ud  leis  na  bha  'na  inntinn  de'n 
BhiobuU.  Mur  bheU  am  Biobull  'n  ar  n-inntinn 
chan  urrainn  an  spiorad  Naomh  a  bhriathran 
a  ghabhail  agus  am  fosgladh  dhuinn. 

An  t-OUamh  Alasdair  Whyte 

An  abradh  tu  gur  facal  bed  agus  cumhach- 
dach  am  facal  air  leth,  no  gu  bheU  e  cho  geur 
ri  claidheamh,  a'  ruigheachd  chum  eadar- 
sgaraidh  an  anama  agus  an  spioraid,  agus  a' 
toirt  breith  air  smuaintean  agus  rtiiutean 
a'  chtidhe.  Gun  teagamh  chan  'eU  an  da 
fhacal  bheag  so  cho  tioram  no  cho  eu-coltach 
ri  Facal  Dhe  ris  a'  ghad  ainmean  a  tha  air 
an  cur  sios  ann  an  leabhar  Genesis,  ach  na'n 
cluinneadh  tu  ministear  air  maduuxn  na 
Sabaid  a'  toirt  a  mach  a'  chinn-theagaisg 
so,  "ni  amfearann  caoidh,  gach  aon  teaghlach 
air  leth,  teaghlach  tigh  Dhaibhidh  air  leth, 
agus  am  mnathan  air  leth  :  teaghlach  tigh 
Natain  air  leth  ;  agus  am  mnathan  air  leth  ; 
teaghlach  tigh  Lebhi  air  leth ;  agus  am 
mnathan  air  leth  ;  teaghlach  Shimei  air  leth  ; 
agus  am  mnathan  air  leth  ;  na  h-uUe  teagh- 
laichean  eUe,  gach  teaghlach  air  leth  ;  agus 
am  mnathan  air  leth,"  cha  bhiodh  dtul  agad 
ri  fion  no  eadhon  ri  bainne,  no  ri  dad  a 
b'fhearr  na  meog.  Bhiodh  sin  fior  na'm 
bu  mhise,  no  mo  charaid  an  t-Urramach 
Niall  MacPharlain,  B.D.  a  bha  's  a'  chiibaid, 
ach  na'm  b'  e  an  t-OUamh  Alasdair  Whyte 
a  bha  innte,  agus  na'n  robh  thu  anns  an 
eaglais  an  la  a  shearmonaich  e  air  an  aon 
fhacal  bheag  so,  air  leth,  rachadh  tu  dhach- 
aidh  a'  faireachduinn  gu'n  do  sheas  thu 
ann  an  solus  latha  a'  Bhreitheanais,  lomnochd 
agus   air   chrith. 

Facal  Dhe,  cho  miorbhuUeach  ri  Dia 
fhein!  C  aite  a  bheU  a  chomhnuidh  aige, 
no  ciod  an  ceangal  a  tha  eadar  e  agus  an 
litir  a  sgriobh  daoine  ? 

Tha  mo  dhachaidh  mu  choig  mile  deug  o 
Dhun-eideann,  ach  ged  tha  mo  cheum 
na's  giorra  agus  na's  truime  na  bha  e,  na'n 
robh  Alasdair  Whyte  beo,  bhithinn  anns  an 
eaglais  aige  a  h-uUe  Sabaid. 


Fo  Chraobh  Sheudair 


ANN  an  sgoil  bheag  ann  am  Peairt,  anns 
an  aon  chlass,  bha  d^  bhalach  a  bha  ana- 
barrach  maith  air  dealbhan  a  t harming, 
mar  bu  trice  air  an  sgleatan  no  air  criomain 
bheaga  de  phaipear  glan  'n  an  leabhraichean- 
sgriobhaidh.  Cha  robh  iad  na  b'  fhearr 
na  na  sgoilearan  eile  air  leughadh  no 
sgriobhadh  no  cunntas,  ach  o  bha  iad  naoi 
bliadhna  thug  a'  bhan-sgoilear  an  aire 
gu'n  robh  ealain  shonruichte  aca  air  tarruing. 
Bha  i  fhein  gle  mhaith  air  tarruing  cuideachd, 
agus  mar  sin  thug  i  misneach  is  eothrom 
dhaibh  an  tiodhlac  a  thug  Dia  dhaibh  a 
chleachdadh,  rud  nach  bu  leasg  leo  a 
dheanamh,  oir  cha  robh  duine  no  eun  no 
beathaeh  no  dealan-de  a  chitheadh  iad 
anns  a'  Ghleann  nach  robh  an  dealbh  aca 
air  a  chur  air  paipear. 

Ann  am  beagan  tiine  sgaoil  an  seanchas 
air  feadh  a'  Gblinne  gu'm  faodadh  na 
balaich  ud  ainm  a  dheanamh  dhaibh  fhein 
agus  cliu  a  chosnadh  do'n  Ghleann  le  'm 
peantadh,  agus  a  h-uile  Nollaig  bhiodh 
iad  a'  faotainn  as  an  Tigh-Mh6r  agus  o 
chairdean  agus  o  choimhearsnaich  uiread 
a  dh'  innealan  peantaidh  's  a  dheanadii 
feum  do  mhaithean  na  ceairde  anns  an 
Eadailt  no  anns  an  Olaind.  Bha  de  leabh- 
raichean  aca  mu  Raeburn  agus  mu  Ruskin, 
mu  Hobbema  agus  mu  Franz  Hals,  mu 
Mhurillo  agus  Fra  Angelico,  agus  mu 
Mhillet  agus  Albert  Toft,  na  lionadh  bocsa 
an  t-aon,  ach  is  e  a  thainig  as  a  sin  gu'n 
d'  thug  na  balaich  eile  na  h-ainmean  orra 
Murillo  agus  Albert  Toft;  Murillo  air 
Seumas  Friseal  agus  Albert  Toft  air  Albert 
Theodore  Horatio  Smythe.  B'  e  am  bonn 
air  an  d'  thug  iad  dhaibh  na  h-ainmean 
sin  gu'n  robh  e  'n  an  inntinn,  mar  rud-eigin 
a  chunnaic  iad  'n  an  cadal,  gur  e  duineachan 
beag  laghach  a  bha  ann  am  Murillo  agus 
gu'n  robh  Seumas  Friseal  beag  agus  laghach 
e  fhein.  Bu  toigh  leo  uile  esan,  ach  cha  bu 
toigh  leo  idir  Albert  Theodore  Horatio 
Smythe,  toff  anns  an  robh  boilich  agus  spag-' 
liiinn,  agus  mar  sin  thug  iad  air-san  an  t-ainm 
Albert  Toft.  Bidh  balaich  anns  an  linn  so 
ag  ionaltradh  air  raontan  far  suing  agus 
theagamh  gu'm  faca  iad  ann  am  fear  de 
na  leabhraichean  aig  Artur  Mee  grabhaladh 
maiseach,  no  obair-snaidhidh  a  bha  air  a 
dheanamh  le  Albert  Toft.  Chan  'eil  eolas 
air  bith  gun  fheum,  agus  chan  'eil  barrachd 
miighaidh  eadar  Toff  agus  Toft  na  tha  eadar 
Smith  agus  Smythe. 


Brochan  tana  na  faoineis 

An  uair  a  chaidh  iad  do'n  sgoil-pheantaidh 
an  Dtm-eideann,  agus  'na  dheidh  sin  do 
Lunnainn,  tb  arming  Albert  Theodore  Horatio 
Smythe  air  falbh  o  chacli,  mar  gu'm  faiceadh 
tu  am  Brittania  agus  an  Thistle  a'  tarruing 
air  falbh  o  na  yachtaichean  eile,  ach  cha 
b'  fheairrd  e  dad  an  t-6ran-molaidh  a  bha  'na 
chluasan  gun  sgur  ;  a  luchd-teagaisg  agus 
daoine  eile  ag  innseadh  dha  gu'm  biodh 
e  fhathast  cho  ainmeil  ri  Lawrence  no  ri 
Turner  ;  'n  uair  a  chuireadh  e  dealbh  do'n 
Academy  gu'm  biodh  e  air  a  chur  air  a' 
bhalla  gu  h-aon-sgeulach  agus  le  urram  mor. 
Bha  an  ceol  sin  binn  'na  chluasan,  oir  ma 
bha  a  thalant  mor  bha  fhaoineas  agus  a 
ghaol  air  moladli  na  bu  mhotha,  agus  mu 
dheireadh  bhiodh  e  a'  stad  a  dh'  obair 
agus  a'  dimadh  a  shiil,  a'  feuchainn  ri 
fhaicinn  le  mac-meanmain  na  h-inntinn 
an  dumhlachd  sluaigh  a  bha  'nan  seasamh 
mu  choinneamh  an  deilbh  a  rinn  e,  a' 
faighneachd  de  chach  a  cheile,  Co  an  reul 
tir  a  tha  air  eirigh  am  bliadhna  ?  Co  an 
lamh  fhinealta  a  rinn  an  obair  iongantach 
so? 

Ach  dh'  fhas  Albert  Theodore  Horatio 
Smythe  na  bu  leasga  agus  na  bu  ghaolaiche 
air  tuis  a'  bhrosguil,  a'  tighinn  beo  air  gaoth 
agus  brochan  tana  na  faoineis,  agus  cha 
robh  an  dealbh  a  bha  ri  dheanamh  cho 
ainmeil  ri  Turner  no  ri  Constable  riamb  air 
a  chriochnachadla. 

Chaidh  na  bliadhnachan  seachad  gun 
chuimhne  a  bhi  aig  daoine  gu'n  robh  Seumas 
Friseal  beo,  no  gun  e  fhein  a  chluinntinn 
facal  misnich  no  molaidh  o'n  a  dh'  fh^g  e 
an  sgoil,  ach  le  diorras  agus  fein-smachd 
agus  an  duinealas  a  bha  'na  bhodhaig 
bhig  gu  nadurra  chtim  e  air  gun  lasachadh, 
a'  sireadli  na  h-iomlanachd  a  bha  a  h- 
iomhaigh  'na  chridhe  gus  mu  dheireadh 
an  do  ghlac  e  misneach  fear  de  na  dealbhan 
a  rinn  e  a  chur  do'n  Academy. 

L^  a  bha  Albert  Theodore  Horatio  Smythe 
agus  bean-uasal  riomhach,  aig  an  robh 
barrachd  Fraingeis  na  bha  aice  de  mhodh, 
a'  dol  mu'n  cuairt  nan  dealbh  sheas  iad 
air  beulaibh  na  h-oibre  aig  Seumas  Friseal. 
(b'  aithne  dhi  e  an  uair  a  bha  e  'na  bhalach 
luideagach  ann  an  sgoil  a'  Ghlinne  agus 
ise  a'  fuireach  le  sealgairean  anns  an  Tigh- 
Mhor),  gun  aon  dhiubh  a  radh  dad  gus  mu 
dheireadh  an  do  thoisich  i  air  an  dealbh  a 
chaineadh. 


6 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


A'  ghaoth  nach  do  sheid 

Mar  gu'n  tuigeadh  e  gu'n  robh  i  air  a 
farranachadh  a  chionn  gu'n  robh  Seumas 
Friseal  a'  faotainn  air  thoiseach  air-san, 
chaisg  e  i  gu  citiin  agus  thuirt  e  rithe,  "  Na 
h-abair  sin,  a  Mliarcia,  bhithinn-sa  mor 
asam  fhein  na  'm  bu  mhi  a  ritin  an  dealbh 
sin."  Rinn  e  lethsgeul  air  choreigin  do 
Mharcia  is  dh'  fhag  e  i  na  bu  luaithe  na 
bha  e  a'  ciallachadh,  a  dhol  air  ais  d'  a 
thigh-oibre  a  thoiseachadh  as  ur  air  dealbh 
a  bha  aige  air  na  stocan  o  chionn  naoi 
miosan.  Shaothraich  e  cho  dian  ri  seillean 
no  ri  dobhar-chu  fad  seachduin,  ach  an 
ceann  seachduin  thainig  Satan  air  ais 
chuige,  ag  radh  ris  gu  bheil  a'  ghaoth  a' 
seideadh  far  an  ^Ul  leatha,  gur  fhearr  do 
dhuine  a  bhi  'na  thamh  niur  bheil  e  anns 
an  spiorad,  agus  gur  ann  o  shuas  a  tha  an 
spiorad,  an  spiorad  a  thug  gliocas  do 
Bhesaleel  agus  do  Ahohab  agus  a  chuir 
grinneas  agus  finealtachd  air  an  laimh. 
"  Feithidh  mi,"  ars  Albert  Theodore  ris 
fhein,  "  gus  an  gluais  an  spiorad  mi,  agus 
an  sin  ni  mi  obair  a  chumas  m'  ainm  bed  gu 
brath." 

Dh'  fheith  e  deich  bliadhna  gun  ghaoth 
an  spioraid  a  sheideadh  air,  ach  anns  na 
bliadlinachan  sin  bha  Seumas  Friseal  cho 
trang  a  h-uile  latha  's  nach  robh  iiine  aige 
eisdeachd  ri  Satan.  Oidhche  a  bha  e  a' 
dol  dhachaidh,  agus  a  nis  R.A.  air  a  chur 
r'  a  ainm,  ruith  balach  as  a  dheidh  le  litir 
aige  dha,  is  thuirt  e  gu'n  robh  fios-freagairt 
a  dhith  air  an  duine  a  chuir  leis  an  litir  e. 

Ro  anmoch 

An  uair  a  leugh  Seumas  Friseal  an  litir 
thuirt  e  ris  a'  bhalach  gu'n  rachadh  e  a 
dh'  fhaicinn  a  sheana  chompanach-sgoile  a 
dh'  aon  ruith,  agus  gu'n  robh  e  duilich  e 
bhi  cho  tinn.  An  uair  a  chaidh  iad  suas  an 
staidhir  do  sheomar  a  bha  lom  de  chomh- 
fhurtachd  bha  Albert  Theodore  Horatio 
Smythe  'n  a  shineadh  air  leabaidh  iosal 
shalach,  a'  casdaich  mar  gun  sgoUteadh  a 
h-uile  casd  a  chliabh. 

"  Bha  mi  cinnteach,"  ars  esan  "  gu'n 
tigeadh  tu  ;  chan  'eil  an  doctair  a'  toirt 
dhomh  ach  la  no  dha  eile  anns  an  t-saoghal 
so,  ach  m'  am  falbh  mi  bu  mhaith  learn 
na  'n  gealladh  tu  aon  ni  dhomh.  Tha  balach 
lurach  gaolach  agam,  aois  dheich  bliadhna, 
a'  fuireach  le  cuideachd  a  mhathar  a  tha 
gu    maith    air   an   doigh,    agus   nach   fhaic 


cion  air  bith  air.  Tha  e  cheana  gaolach 
air  tarruing  dhealbh  mar  bhiodh  tusa  agus 
mi  fhein  a'  deanamh  ann  an  sgoil  a'  Ghlinne, 
agus  ged  nach  'eil  ann  ach  am  paisde  tha 
mi  a'  faicinn  gu'n  d'  thug  Dia  'na  choibhneas 
dha  an  tiodhlac  fiachail  agus  urramach  a  thug 
e  dhomh  fhein  acn  nach  do  chuir  mi  gu  deagh 
bhuil,  mar  gu'm  biodh  e  a'  toirt  cothrom 
do  m'  mhac  eirig  a  thoirt  air  son  diomhanas 
agus  peacadh  'athar.  Mar  sin  bhithinn  sona 
agus  toilichte  ri  aghaidh  bais,  a  Sheumais, 
na'n  geaUadh  tu,  an  uair  a  dh'  fhagas  am 
balach  an  sgoil,  gu'n  gabh  thu  a  steach  e 
do'n  Studio  no  do'n  aite-oibre  agad  fhein  a 
theagasg  dha  oibreachadh  mar  bhiodh  tusa  a' 
deanamh  'n  ad  gaille  og.  Air  t'  fhacal 
agus  air  t'  onoir  na  h-abair  ris  gu  bheil  ceann 
maith  air,  no  coig  talantan  aige,  no  gu'm 
bi  e  ainmeil,  no  gaol  a  bhi  aige  air  ni  eile 
ach  a'  mhaise  a  chiiir  Dia  anns  a'  chruta- 
achadh.  Agus  a  thuilleadh  air  sin  cuir  'na 
chuimhne  gun  sgur  nach  dean  e  dealbh  as 
fhiach  gu  brath,  no  rud  eile  as  fhiach  gun 
obair,  obair,  obair ;  obair  agus  saothair ; 
saothair    agus    dfagh." 

Thainig  rachd  ann  am  muineal  Sheumais 
Friseal  le  duUichinn  air  son  a.  sheana 
chompanaich,  is  gheall  e  gu  toileach  gu'n 
deanadh  e  ri  mhac  mar  a  dheanadh  e  ri 
mhac  fhein.  Ann  an  cainnt  mhnathan-tighe 
bha  an  seomar  rii-ra,  mar  gu'n  tigeadh  e  air  a' 
chladach  ;  dealbhan  leth-chriochnaichte  anns 
na  h-oiseanan  agus  air  an  urlar,  dealbhan 
anns  am  bu  leir  do  Sheumas  Friseal  sgil 
agus  neart  agus  grinneas  na  laimhe  a  rinn 
iad,  ach  iad  uile  a  dh'  easbhuidh  an  sgeunh 
agus  an  loinnireachd  a  ghabhadh  cur  orra  le 
tuUleadh  iiine  agus  obair  agus  faidhidinn 
a  chosd  riu.' 


M'  an  d'  thainig  am  feasgar  am  maireach 
bha  Albert  Theodore  Horatio  Smythe  marbh, 
agus  riamb  tuilleadh  an  uair  a  bhiodh 
Seumas  Friseal  a'  toirt  na  h-6raid  bhliadhnail 
do  na  h-oileanaich  anns  an  sgoil  air  an  robh 
e  'n  a  Cheann,  b'  e  am  facal  mu  dheireadh  a 
bhiodh  e  ag  radh  riu,  "  Giod  air  bith  na 
buadhan  agus  na  comasan  a  thug  Dia 
dhuibh,  agus  ciod  air  bith  cho  cinnteach  's 
a  tha  sibh  gu'm  bi  sibh  ainmeil  agus  soirbh- 
eachail,  cuimhnichibh,  a  dhaoine-uaisle,  nach 
dean  sibh  dad  as  fhiach  gun  obair,  obair, 
obair ;  saothair  agus  obair ;  obair  agus 
faidhidinn  agus  dragh." 


Naidheachd  na  NoUaige 

{Mar  chuimhneachan  air  an  Urr.  Alasdair  Ros,  C.B.E.,  M.A.,  agus  air  iarrtus  caraid 
dha  iha  an  Laoidh  so  air  a  toirt  am  follais  aig  am  de'n  bhliadhna  a  tha  freagarrach). 


Tha  guth  aingil  'san  Nollaig, 

A'  guidhe  oirnn  bhi  sona, 

Is  tionndadh  le  moladh  is  speis 

Ris  an  Ard-Righ  a  thainig 

Le  sith,  agus  slainte 

Air  am  bheil  sinn  a  ghnath  ag  cur  feum. 

Mar  a  sheoladh  na  Magi 

Le  reult  anns  na  h-ardaibh 

Gu  h-aoibhneach  an  lathair  an  Righ, 

Gu'n  stiurar  an  saoghal 

'Na  sholus  nach.  caochail 

Gu  deagh-ghean  is  aonachd  'n  a  shith. 

Car  son  a  bhiodh  ciocras 
'San  anam  gu  diomhair, 
Neo-fhoisneach  air  siochaint  an  toir, 
Mur  bheil  taitneas  ri  fhaotainn 
'San  Dia  bha  'n  ar  daonnachd, 
Nach  d'  aichaich  a  ghaol  dhuinn   'na 
ghloir. 


Gur  naidheachd  ro  ghlormhor 

Is  bunait  ar  dochais, 

Gradh  Dhe  bhi  an  toir  oirnn  a  ghnath 

G'  ar  sireadh  gu  simplidh 

Mar  bhuachaille  dileas 

Ged  rinnear  air  dimeas  is  tair. 

An  teanntachd  's  a  gharadh — 
'  'S  bu  ghoirt  a  bha  amhghar 
Am  fulangas  bais  air  a'  chrann — 
Do  nochd  e  do  dhaoine 
An  gradh  tha  'g  an  saoradh 
Bho  fheinealachd  baoghalta  dall. 

De  sholas  a  chomuinn 

Na  biodhamaid  coma, 

Gu  dearbh  is  e  Tobar  ar  Slaint ; 

E  tairgsinn  'na  throcair 

Fior  chupan  an  Dochais, 

'S  chan  fhaigh  neach  a  dh'  olas  e  bas. 


Tha  dearbhadh  a  gheallaidh 

'Ga  ghinmhuinn  's  an  anam 

Mar  thoradh  air  beannachd  a  Ghrais  ; 

Seadh,  fiosrachadh  diomhair 

Air  Comunn  nach  criochnaich 

'S  nach  gabh  cur  am  briathran  mo  dhain. 


Uabhar  na  Beatha 


AIG  an  am  so  de'n  bhHadhna,  an  uair  a 
tlia  a'  Chriosdachd  uile  a'  cumail  cuimhne 
air  teachd  an  t-Slanuigheir  do'n  t-saoghal 
ann  an  staid  iosal  agus  ami  an  cruth  duine 
bhiodh  e  freagarrach  dhuinn  uile  smuaineach- 
adh  air  uabhar  na  beatha,  a  tha  freumh 
dheth  'n  ar  cridheachan  fhein. 

Tha  ceud  rud  ann  as  am  bi  daoine  a' 
deanamh  uaill,  ach  mar  is  trice  so  na  nithean 
a  bhios  a'  seideadh  suas  an  inntinn  agus  an 
cridhe,  uaill  as  am  fuil,  uaill  as  an  inbhe,  uaill 
as  an  airgiod.  Ann  an  eaglais  Chorint  bha 
daoine  air  an  seideadh  su.as  le  eolas.  Tha  a' 
bhuaidh  sin  aig  an  eolas  air  cinn  aotrum  an 
diugh  fhathast ;    cuiridh  e  car  annta. 

Tha  uabhar  na  beatha  calg-dhireach  an 
aghaidh  irioslachd  dhiadhaidh,  agus  an 
aghaidh  spiorad  Chriosd.  Bha  esan  macanta 
is  iriosal,  agus  cha-  do  rinn  e  riamh  tair  air 
duine  beo,  air  cho  iosal  's  gu'n  robh  iad. 
Cha  mho  a  shuidhich  e  a  chridhe  air  gloir 
shaoghalta  :  dh'  fheuch  Satan  ri  faotainn 
thuige  air  an  rathad  sin,  aoh  dh'  fhairtlich 


air  losa  a  mhealladh  ged  a  thairg  e  dha  uile 
rioghachdan  an  domhain.  Bha  e  uile  gu  leir 
falamh  de  mheud-mhor  agus  de  uabhar  na 
beatha  :  b'e  a  thaghadh  companaich  a 
dheanamh  de  dhaoine  diblidh. 

Faodar  a  bhi  cinnteach,  mata,  nach  toigh  le 
Criosd  daoine  uaibhreach,  ged  nach  do  shear- 
monaich  e  'n  an  aghaidh  ann  an  laithean 
fheola.  Ach  chuir  e  uabhar  air  an  aon  ghad 
ri  sannt  is  goid  is  mealltaireachd  is  toibheum, 
— uile  a  tha  salachadh  an  duine.  Labhair  e 
cuideachd  briathran  a  bha  gle  loisgeach  mu'n 
t-seorsa  dhaoine  a  bha  gaolach  air  na  ceud 
chathraichean,  agus  leis  am  bu  ghasda  gu'n 
deanadh  daoine  eile  am  beic  dhaibh.  Bha  an 
seorsa  sin  pailt  gu  leoir  am  measg  seanairean 
nan  ludhach,  oir  bha  na  Pharasaich  cho 
uaibhreach  ri  Alasdair  Uaibhreach  fhein. 

An  uair  a  dh'  fheoraich  na  deisciobuil  c6  a 
bu  mho  ann  an  rioghachd  neimh  cha  b'  ann 
air  diadhair,  no  sgoilear,  no  searmonaiche,  a 
chuimsich  losa  ach  air  leandbh  heag.  Sin 
an  doigh  anns  an  do  theagaisg  e  dhaibh  ciod 


UABHAR  NA  BEATHA 


an  spiorad  a  bu  choir  a  bh,i  air  siubhal 
chreidmheach.  Chan  'eil  e  furasd  a  radh 
ciod  e  spiorad  an  leinibh,  ach  co  dhiu  chan 
'eil  a  leithid  de  ni  is  uabhar  ann  an  cridhe 
paisde.  Chan  fhas  sin  ann  gus  a  bheil  e 
air  a  thruailleadh  le  gnaths  an  t-saoghail. 

Tha  uabhar  na  beatha  a'  dealachadh 
dhaoine  o  cheile,  ach  tha  e  a'  deanamh 
tuilleadh  is  sin  ;  tha  e  'g  an  cur  an  aghaidh 
a  cheile.  Ciod  eUe  ach  uabhar  na  beatha 
a  bhios  a'  cur  rioghachdan  a  chogadh  1 
Ged  nach  'eil  iarraidh  aca  air  fuil  a  dhortadh, 
an  uair  a  thoisicheas  iad  air  connsachadh, 
cha  leig  an  t-ardan  leo,  taobh  air  thaobh, 
dol  air  an  ais  aon  cheum,  air  eagal  gu'n 
saoUear  nach  'eil ,  neart  is  cumhachd  aca. 
Air  a'  cheart  doigh,  chan  e  idir  a  choir 
a  bhios  a'  cur  choimhearsnach  ann  an 
amhaichean  a  cheile  ach  an  t-ardan,  ardan 
is  meud-mhor  gun  tur.  Nach  h-iomadh 
burraidh  a  chaidh  o  Chiiirt  an  t-siorraim  gu 
Ctiirt  an  t-Seisein,  agus  a  Chuirt  an  t-Seisein 
gu  Tigh  nam  Morairean,  a  leigeil  fhaicinn  do 
dhaoine  eile  gu'm  b'  urrainn  dha  an  luchd- 
lagha  a  phaigheadh. 

Tha  an  t-uabhar  daonnan  a'  dusgadh  rait- 
eachas  is  farmad  is  searbhadas  eadar  dhaoine. 
An  uair  a  dh'  ardaicheas  aon  duine  ann  am 
baile  a  dhorus,  agus  a  sgaoileas  e  a  chasan  gu 
far  suing,  bidh  fichead  cridhe  air  an  gonadh, 
agus  fichead  duine  a'  feuchainn  ri  shron 
isleachadh.  Tha  macantas  is  irioslachd  a' 
tathadh  dhaoine  r'a  cheile,  ach  tha  an  t- 
uabhar  a'  cur  sgaraidh  eatorra. 

"  A  h-uUe  uair  a  sheallas  mi  os  mo  chionn 
air  na  reultan,"  arsa  duine  glic,  "  tha  e  a' 
cur  ionghnaidh  orm   ciamar  is  urrainn  do 


dhaoine  boihch  a  dheanamh  no  uaill."  An 
uair  a  bhios  maithean  an  t-saoghail  air  an 
seideadh  suas  le  uabhar  na  beatha  bu  mhaith 
dhaibh  na'n  togadh  iad  suas  an  suilean,  agus 
na'n  abradh  iad  mar  a  thuirt  lob,  "  Nach  'eil 
Dia  ann  an  airde  nan  neamh,  agus  faic 
mullach  nan  rionnag,  cia  ard  ata  iad."  Ach 
is  beag  aig  nigheana  Shioin  na  rionnagan  no 
na  reultan  :  is  fhearr  leo  gu  mor  a'  ghloir  a 
tha  bhos  seach  a'  ghloir  a  tha  shuas,  agus  mar 
sin  tha  iad  mar  a  tha  am  faidh  Isaiah  ag 
radh,  "  ag  imeachd  le  muinealaibh  suite 
mach." 

Tha  moran  de'n  charraid  agus  de'n  neo- 
shonas  a  tha  anns  an  t-saoghal  air  aobharach- 
adh  le  uabhar  ;  le  daoine  a  bhi  an  duil  gu 
bheil  iad  fhein  fada  os  cionn  chaich.  Is  fhearr 
le  parantan  sonas  an  cloinne  a  mhilleadh  uile 
laithean  am  beatha  seach  leigeil  leo  fear  no  te 
a  phosadh  nach  'eil  de  stoc  cho  maith  riu ! 
Ceanglaidh  iad  am  mic  agus  an  nigheana  gu 
neo-chothromach  ri  ceile  gun  diii,  air  ghaol 
tiotal  no  airgiod  fhaotainn.  Ciod  a  tha  an  sin 
ach  uabhar  gun  tur,  faoineas  a  tha  peacach 
an  stulean  Dhe  is  dhaoine ! 

Ge  h-ard  an  Tighearna,  gidheadh  seallaidh 

e  air  an  iriosal ; 
Ach  aithnichidh  e  an  t-uaibhreach  fad  as. 
Tha  Dia  a'  cur  an  aghaidh  nan  uaibhreach, 
ach  a'  toirt  grais  dhaibhsan  a  tha  iriosal. 
Is  grainealeachd  do'n  Tighearna  gach  neach 

a  tha  uaibhreach  'n  a  chridhe  ; 
Ged  iadhadh  lamh  mu  laimh  cha  bhi  e  gun 

pheanas  ; 
Is    peacach     sealladh     ard    agus     cridhe 

uaibhreach. 


Laoidh 


Do  lamh-sa  Dhe  's  i  threoraich 

Do  shluagh  bho  linn  gu  linn  ; 

'S  i  so  an  naidheachd  oirdhearc, 

A  dh'  aithrisear  le  cinnt : 

Ar  sinnsre  thog  iad  fianuis 

Do  mhaitheas  re  an  triall ; 

'S  gach  ni  an  glaic  na  trianaid  so, 

Aon  trend,  aon  chreud,  aon  Chriosd. 

Oir  thainig  fuaim  an  t-soisgeil  sin 

Araon  gu  beag  is  mor  ; 

Ag  gairm  air  daoine  sgioblachadh 

Gu  feusd  Ard  Righ  na  Gloir  ; 

Ag  cur  an  ceill  gu  dileas  duinn 

An  gealladh  farsuing  f ior. 

An  eaglais  Dhe  gu'n  seulaichear 

Aon  treud,  aon  chreud,  aon  Chriosd. 


Tre  iomadh  latha  dorchadais, 

Tre  iomadh  cogadh  cas. 

An  iarmad  dhileas  chomhlaich  iad 

A  dhion  an  coir  's  an  ceart ; 

'S  b'i  so  an  sgeul  ion-mhiannaichte 

A  sgaoil  iad  thar  gaoh  tir — 

An  t-saorsa  dh'  uUaich  Dia  dhaibh  tre 

Aon  treud,  aon  chreud,  aon  Chriosd. 

Cha  treig  do  throcair  chaoidh  sinn, 
Air  d'  armaibh  cha  teid  ruaig  ; 
Do  ghairdean  deas  'gar  cuideachadh, 
'S  i  choisneas  dhuinn  a'  bhuaidh  ; 
An  sin  bidh  naoimh  is  ainglean 
Gu  h-ard  a'  seinn  do'n  Triath, 
'S  e  fonn  an  orain  aoibhnich  sin 
Aon  treud,  aon  chreud,  aon  Chriosd. 

Buairidh  MacDhdmhnuill,  Stedrnashagh 
{O'n  Bheurla). 


Aireamh  i 


1950 


A  Bhliadhn'-ur 


Agus  chunnaic  Dia  gach  ni  a  rinn  e,  agus,  feuch,  hha  e  ro  mhaith. — 'Genesis  i.  31. 
Beannaich  an   Tighearna,   O,  m'  anam.. — Salm  ciii.  1. 


BLIADHNA  mhaith  tir  dhuibh  uile,  sean 
agus  6g.  Tha  laithean  na  bliadhna  maith, 
an  geamhradh  agus  an  samhradh,  an  t- 
earrach  agus  am  foghar,  agus  gach  ni  eile 
a  tha  ann  an  lamh  a'  Chruitheir,  tha  iad 
maith  agus  ro  mhaith,  na'n  robh  sinn  fhein 
maith.  Ach  is  e  diomhaireachd  an  t-saoghail 
gu'n  teid  aig  a'  chreutair  air  an  ni  a  rinn  an 
Cruithear  maith  agus  maiseach  a  mhilleadh 
agus  a  dheanamh  peacach  agus  duaichnidh. 

Am  bliadhna  tha  la  na  bliadhna-tdre 
a'  tuiteam  air  La  an  Tighearna,  agus  ged 
nach  'eil  na  h-eaglaisean  cho  Ian  an  diugh 
,s  a  b'  abhaist  dhaibh  a  bhith,  tha  e  fhathast 
f  lor  nach  'eil  aite  eile  amis  an  tachair  uiread 
d'  ad  choim.hearsnaich  riut,  ma  bu  mhaith 
leat  am  failteachadh,  agus  "  Bliadhna  mhaith 
ur  "  a  radh  riu,  's  a  chi  thu  aig  dorus  na 
h-eaglais  air  maduinn  na  Sabaid,  agus  tha 
e  fior  cuideachd  nach  'eil  aite  eile  anns  am 
freagarraiche  dhuinn  ar  boidean  iocadh 
do  Dhia  as  ur  na  Thigh  fhein  a  tha  air  a 
naomhachadh  dhuinn  le  iomadh  ceangal 
bl^th  agus  le  iomadh  cuimhneachan  air 
cairdean  gaolach  agus  daoine  maith  nach 
'eil  a  nis  maille  ruinn. 

0  a  -Thighearna,  dhuit-sa  iohraidh  mi 
iobairt-mholaidh,  agus  air  ainm  an  Tighearna 
gairmidh  mi.  locaidh  mi  mo  hJioidean  do'n 
Tighearna  a  nis  an  lathair  a  shluaigh  uile 
ann  an  cuirtibh  a  thighe,  ann  ad  m,headhon-sa , 
0  Jerusalem.     Molaibhse  an  Tighearna. 

Bhithinn  sona  na'n  robh  mi  a'  cluinntinn 
Anna  Chaimbeul  agus  coisir-chiuil  eaglais 
Bhlair  a'  seinn  air  maduinn  na  bliadhn'-uire 
na  sailm  a  b'  abhaist  a  bhi  againn,  na  sailm 
leis  a  bheil  daoine  ag  iocadh  am  boidean  do 
Dhia  o  chionn  nan  ceudan  bliadhna. 

Bhiodh  an  searmon  cho  goirid  's  nach 
b'  fhiach  dhuit  searm.on  a  radh  ris,  aon 
smuain  shimplidh  agus  sholuimte  ann,  no 
ma  dh'  fhaoidte  a  dha,  ach  gun  aon  fhacal 
ann  mu  chommunists,  no  mu'n  phunnd 
Shasunnach,  no  mu'n  bhogalaich  anns  a 
bheil  an  Roinn  Eorpa.  Mar  sin  cha  chuir 
mi  sios  e  air  an  duiUeig  so.  Ach  dh'  iocamaid 
ar  Koidean  do  Dhia  ann  an  urnuigh. 


Urnuigh  coimhthionail 

A  Dhe  naoimh  agus  uile-ghrasm.hor,  ann 
an  samhchair  do  thighe  agus  an  co-chomunn 
do  shluaigh  tha  sinn  a'  gairm  air  ar  n-anam 
t'  ainm  naomh-sa  a  mholadh  ;  do  fhriCasdal 
a  chum  beo  sinn  am  measg  uile  chunnartan 
ar  beatha  ;  do  mhaitheas  agus  do  throcair 
a  lean  sinn  gach  ceum  d'  ar  turus  ;  agus 
do  choibhneas  graidh  a  ghiiilain  gu  faidh- 
idinneach  le'r  neo-thaingealachd,  le'r  n-eas- 
iimhlachd  agus  le  peacaidhean  eile  nach  do 
rinn  sinn  aithreachas  air  an  son.  Air  sgath 
Chriosd  ar  Slanuighear  thoir  m.aitheanas 
dhuinn,  agus  mothachadh  air  anmhuinneachd 
ar  toile  agus  ar  nadur  daonna,  agus  am 
feum  a  tha  againn  air  do  sholus  agus  do 
chompanas-sa  agus  treorachadh  do  Spioraid 
naoimh.  A  Thighearna  losa,  anns  a'  bliadhna 
a  tha  romhainn  agus  gun  fhios  no  leirsinn 
againn  air  na  nithean  a  dh'  fhaodas  tachairt 
ruinn,  bi  thusa  'n  ad  Mliaighstir  agus  'n  ad 
Cheannard  dhuinn,  'n  ad  Bhuachaille  agus 
'n  ad  Leigh,  an  ainm  an  Athar  Uile-chumh- 
achdaich  a  chruthaich  sinn  agus  a  shaor 
sinn,  agus  a  thug  dochas  laidir  dhuinn 
nach  e  an  uaigh  ar  n-aite-c6mhnuidh 
deireannach . 

Athchuingean 

Thoir  comhfhurtachd  dhiadhaidh  dhaibh- 
san  d'a  bheil  an  la  so  ag  iirachadh  ionndrainn 
air  an  fheadhainn  a  tha  fada  air  falbh  o'n 
dachaidh,  agus  gu  sonraichte  dhaibhsan 
d'a  bheil  e  ag  tirachadh  broin  air  son  Inchd 
an  gaoil  a  chaidh  as  an  t-sealladh  do  shaoghal 
eile.  Neartaich,  a  Thighearna,  ar  creideamh 
agus  ar  dochas  chum  's  gu'm  bi  dearbhachd 
againn  nach  e  an  uaigh  crioch  ar  beatha 
ach  dorus  a  tha  'gar  toirt  a  steach  do  riogh- 
achd  na  sithe  agus  na's  dluithe  do  Sheomar 
an  Righ. 

An  oigridh 

Beannaich,  a  Thighearna,  an  oigridh 
aig  a  bheil  a'  chuid  as  motha  d'  an  obair 
air  thalamh  ri  dheanamh  fhathast.  Doirt 
orra  do  Spiorad  Naomh  chum  's  gu'm  bi 
iad  'n  am  faidhean  agus  'n  an  cairdean  do 
Dhia,  agus  gu'm  bi  gliocas  agus  misneach 


A'  BHLIADHN'-UR 


aca  a  bheir  gu  crich  na  rtiintean  maith 
agus  na  boidean  diadhaidh  a  tha  ag  eirigh 
'n  an  cridhe  an  diugh.  Cuidich  leo  deagh 
bhuil  a  dheanamh  de  na  talantan  agus 
na  cothroman  a  thug  thu  dhaibh,  agus  ann 
an  companas  Chriosd  agus  ann  an  co- 
chomunn  dhaoine  a  tha  toirt  geill  do  theagasg 
an  t-soisgeil  an  creideamh  a  chumail  beo 
'n  an  anam  gur  e  seirbhis  a  dheanamh 
dhuit-sa  agus  d'  am  braithrean  an  obair 
as  uaisle  air  thalamh. 

Ar  duthaich 

A  Dhe  uile-chumhachdaich,  anns  na  laith- 
ean  cunnartach  so  agus  stri  is  buaireas  an 
t-saoghail,  dion  ar  diithaich  agus  comh- 
fhlaitheachd  Bhreatuinn  o  dhosgainn  agus 
o  chogadh,  o  naimhdean  a  muigh  's  a  stigh, 
agus  thoir  do'n  t-sluagh  uile  inntinn  fhallain 
agus  cridhe  mor  is  laidir  leis  an  toir  iad 
breith  chothromach  air  na  nithean  a  chuireas 
ar  luchd-riaghlaidh  air  am  beulaibh,  agus 
mar  sin  gu'm  bi  sith  agus  aonachd  agus 
deagh-ghean  do  chach  a  cheile  anns  an  tir. 
Cuir  farsuingeachd  'n  ar  cridhe  agus  fosgail 
ar  siiilean  chum  's  gu'n  gabh  sinn  ris  an 
t-solus  agus  ris  an  fhmnn  ge  b'e  cearn  as  an 
tig  iad  d'  ar  n-ionnsuidh.  Anns  na  laithean 
a  dh'  fhalbh  thug  thu  do  Bhreatunn 
inbhe  ard  is  urramach  am  measg  rioghachdan 
eile  an  t-saoghail  is  tha  sinn  a'  guidhe  gu'n 
tugadh  tu  dhuinn  gliocas,  maoin  agus  neart 
agus  iighdarras  agus  eolas  ar  sluaigh  a 
chur  gu  buil  mhaith,  chan  ann  dhuinn 
fhein  a  mhain  ach  do'n  t-saoghal  uile. 


An  Soisgeul 

A  Dhe  ghrasmhor ,  a  chuir  na  f  aidhean 
'g  ar  n-ionnsuidh,  agus  anns  na  laithean  | 
deireannach  so  do  mhac  a  thoirt  dhuinn  ^ 
t'  Fhirinn  agus  teachdaireachd  an  t-soisgeil, 
chan  'eil  thusa  a'  foluch  t'  fhirinn  air  neach 
air  bith  a  ghabhas  rithe,  is  tha  sinne  a' 
guidhe  gu'n  cuireadh  tu  a  mach  do  sholus  air  ; 
feadh  an  t-saoghail  uile  chum  's  gu'm.  bi 
t'  ainm  agus  do  chliil  agus  soisgeul  do  mhic 
air  an  deanamh  aithnichte  do  na  h-uile  ^ 
dhaoine,  agus  gu'n  tarruing  Criosd  iad 
'g  a  ionnsuidh  fein  mar  a  thairngeas  a' 
chlach-iuil  an  staUinn.  Beannaich  obair 
nan  teachdairean  a  chaidh  leis  an  t-soisgeul 
thar  chuan,  agus  deonaich  gu'm  bi  a'  bhliadh- 
na  so  tarbhach  ann  an  craobh-sgaoileadh 
an  t-soisgeil.  An  sin  thig  na  cinnich  a  dh' 
ionnsuidh  do  sholuis  agus  chithear  gloir 
an  Tighearna  a'  dealradh  anns  an  t-saoghal. 

Ar  teaghlaichean 

Tha  sinn  an  diiigh  a'  dol  a  mach  do  thir 
nach  aithne  dhuinn  ach  a  nochdas  thusa 
dhuinn,  mar  a  nochd  thu  i  do  Abram.  'N  ar 
laigse  agus  'n  ar  n-aineolas  tha  eagal  oirnn 
dol  air  an  t-slighe  so,  ach  bi  thusa,  a  Thigh - 
earna,  maille  ruinn,  agus  m.a  bhios  tusa 
maille  ruinn,  chan  eirich  olc  air  bith  dhuinn. 
Thoir  dhuinn  creideam.h  agus  m.isneach 
agus  dochas  nan  creidmheach.  'Nar  dach- 
aidhean  thoir  dhuinn  sith  agus  reite,  agus 
deonaich  gu'm  bi  ar  cridheachan"  air  an 
ceangal  ri  cheile  cho  teann,  le  coibhneas 
agus  modhalachd  agus  gaol  's  gu'm  bi  ar 
dachaidh  dhuinn  mar  thearm.unn  agus  m.ar 
chala-sith. 


O  Phloc  Loch  Aillse  gu  Eileanan  na  Pacific 


FHUAIR  mi  an  la-roimh  o  charaid  leabhar 
beag  boidheach  a  bha  air  a  sgriobhadh  leis 
an  Ro-Urramach,  Seumas  Noble  MacCoin- 
nich,  a  bha  'na  Mhoderator  ann  an  Eaglais 
Chleireachail  Astralia  an  1940,  anns  a  bheil  e 
ag  innseadh  mu'n  obair  shoisgeulach  arms 
an  robh  lamh  aige  aniis  na  Nev)  Hebrides 
agus  ann  an  Korea.  Cha  b'  aithne  dhomhsa 
a'  bheag  mu  bheatha  agus  obair  Sheumais 
MhicCoinnich  gus  an  do  leugh  mi  an  leabhar 
so — -rud  a  ghabhas  deanamh  gu  reidh  ann  an 
uair  an  uaireadair — ach  bha  e  cho  duineil 
agus  cho  dicheallach  agus  cho  criosdail 
ann  an  seirbhis  Dhe  agus  dhaoine  's  gur 
airidh  e  air  aite  a  thoirt  dha  anns  an  aon 
t-sreath  ri  da  bhalach  Ghaidhealach  eile 
a  rinn  obair  shoisgeulach  a  bha  fiachail 
anns  na  dtithchanna  thall,  Seumas  Chalmers 
agus  DomhnuU  Friseal. 


A  thuilleadh  air  an  iomradh  a  tha  e  a' 
deanamh  air  an  obair  spioradail  a  bha  'ga 
tharruing  do  thirean  cein  o  bha  e  'n  a  ghille 
6g  anns  a'  Cholaisd  an  Glaschu  chi  thu 
rud  no  dha  anns  an  leabhar  so  a  tha  a' 
dearbhadh  gu'n  teid  aig  balaich  thapaidh 
anns  a  bheil  eanchainn  agus  smuais  air  an 
rathad  fhein  a  dheanamh  gu  neo-eisiomail- 
each  anns  an  t-saoghal  ged  nach  biodh 
moran  doigh  no  cothrom  aca  'n  an  oige. 
Shiubhail  athair  Sheumais  MhicCoinnich 
an  uair  a  bha  e  coig  bliadlma,  is  bha  a 
bhantrach  air  a  fagail  gun  dealbh  le  seachdnar 
de  theaghlach,  an  t-aon  a  bu  shine  ceithir 
deug  agus  an  t-aon  a  b'  oige  da  bhliadhna 
gu  leth.  Nach  feumadh  cridhe  laidir  agus 
sgoinn  a  bhi  ann  am  mathair  aig  an  robh 
an  teaghlach  sin  ri  thogail  air  crannchur 
lom !     Bha  iad  air  an  togail  ann  am  Ploc 


O    PHLOC    LOCH   AILLSE    GU    EILEANAN   NA    PACIFIC 


Loch  Aillse  far  an  robh  agus  far  a  bheil 
fhathast  sgoil  rD.haith.  Chuir  am  maighstir- 
sgoil  a  bha  innte  ri  linn  Sheumais  MhicCoin- 
nich  seachdnar  d'a  theaghlach  fhein  a 
dh'  Oilthigh  Dhiin-eideann. 

'Na  shia  bliadhna  deug  chaidh  e  do 
Ghlaschu  far  an  d'  fhuair  e  obair  agus 
tuarasdal  mor,  crun  's  an  t-seachduin,  ach 
thug  e  an  aire  cho  maith  air  a  ghnothuch 
's  gu'n  do  thogadh  a  thuarasdal  gu  deich 
tasdain  an  ceann  bhadhna. 

Ged  a  b'  ainmeil  na  ministearan  Alasdair 
MacColla,  an  Loch  Aillse,  agus  Aonghus 
Galbraith,  an  Ratharsaidh,  cha  d'  fhuair 
e  o  aon  seach  aon  aca  comhairle  no  seoladh 
spioradail  a  bha  cho  buannachdail  dha  ri 
facal  a  thuirt  boireannach  ann  an  Glaschu 
ris.  Thuirt  e  rithe  nach  rachadh  e  gu  Bord  an 
Tighearna  a  chionn  nach  robh  e  air 
"  iompachadh."  "  Ma  tha  eagal  ort  no 
teagamh  agad,"  ars  ise,  "  nach  'eil  thu 
air  t'  iompachadh,  car  son  nach  biodh  tu 
air  t'  iompachadh  a  nis,  oir  chan  e  thusa 
a  ni  sin  ach  losa  Criosd  a  tha  daonnan 
comasach  is  toileach  na  h-uile  a  chuireas 
an  earbsa  ann  a  thearnadh."  Facal  simplidh 
gun  teagamh  ach  smear  an  t-soisgeil ;  facal 
cho  simplidh  's  nach  amais  daoine  glic 
agus  eagnaidh  air  a  radh.  Ach  chaidh 
e  gu  anani  Sheumais  MhicCoinnich  mar 
ghath  soluis,  agus  ann  an  larach  nam  bonn 
thug  e  e  fhein  do  Chriosd,  a  thoil  agus  a 
ghaol  agus  a  dhilseachd. 

Chuir  e  e  fhein  troimh  'n  Cholaisd  leis 
an  airgiod  a  bhiodh  e  a'  cosnadh  anns 
an  t-samhradh  a'  teagasg  anns  na  sgoilean 
a  bha  an  Eaglais  Shaor  a'  cumail  suas 
ann  an  aitean  iomallach  anns  na  h-Eileanan, 
far  nach  robh  sgoil  eUe. 

Anns  na  bliadhnachan  anns  an  robh  e 
ann  an  Talla  na  Diadhachd  sheid  gaoth 
bhlath  o  'n  Deas  air  na  cnamhan  tioram 
an  Oilthigh  ean  na  h-Alba,  is  leis  an  tagradh 
a  rinn  Iain  Mott  agus  Raibeart  Spier  agus 
feadhainn  dhiubh  fhein  ris  na  h-oileanaich 
oga  bhoidich  Seumas  MacCoinnich  a  bheatha 
a  thoirt  thairis  do  Dhia  gu  buUeach  agus 
dol  a  mach  leis  an  t-soisgeul  do  thirean  cein. 

An  uair  a  bha  Iain  G.  Paton  anns  an 
duthaich  so,  bha  Eaglais  Chleireachail 
Astralia  ag  iarraidh  ghillean  oga  a  rachadh 
a  mach  leis  do  na  h-eileanan  ris  an  abrar 
na  New  Hebrides,  air  an  aiteachadh  le  cin- 
neach  borb,  agus  thairg  Seumas  MacCoinnich 
e  fhein  dha,  is  chaidh  e  fhein  agus  a  bhean-6g 
a  mach  a  dh'  Astralia,  far  an  robh  e  air 
a   choisrigeadh   ann  am  Melbourne  gu   bhi 


'na  mhissionaraidh  ann  an  eilean  Santo, 
far  an  robh  Seumas  Gordon  uaireigin  roimhe, 
an  soisgeulaiche  a  bha  air  a  mhort  ann  an 
Erromanga. 

Shiubhail  a  bhean  ann  an  Santo  ;  bhris 
air  a  shlainte  fhein  cuideachd,  is  b'  fheudar 
dha  an  t-eilean  fhagail,  an  deidh  dha  saoth- 
rachadh  ann  fad  choig  bliadhna  deug,  a' 
teagasg  agus  ag  eadar-theangachadh  an 
Tiomnaidh  Nuaidh,  agus  a'  cur  Eaglais 
Chriosd  air  chois. 

An  sin  chaidh  e  do  Fusan  ann  an  Korea, 
far  an  do  shaothraich  e  mu  dheich  bliadhna 
fichead  am  measg  nan  lobhar,  obair  shalach 
is  obair  dheuchainneach,  ach  obair  throcair- 
each  is  chriosdail  nach  gabhadh  duine  air 
bith  OS  laimh  ach  duine  anns  a  bheil  tomhas 
maith  de  spiorad  Chriosd. 

Tha  an  duine  gaolach  so  bed  fhathast, 
measail  agus  urramach  an  suilean  dhaoine 
aig  a  bheil  gaol  air  Criosd  agus  iiidh  is 
eud  ann  an  obair  shoisgeulach.  Tha  a 
theaghlach  a'  leantuinn  ann  an  cas-cheuman 
an  athar,  oir  tha  te  dhiubh  'na  doctair 
agus  feadhainn  eile  dhiubh  'n  am  banaltru- 
man. 

Chan  'eil  >n  leabhar  anns  an  do  leugh 
mi  mu  'n  bhalach  Ghaidhealach  so  a'  cosd 
ach  tri  is  sia  sgUlinn  na  's  lugha  na  chosdas 
gloine  uisge- bheatha,  no  unnsa  tombaca, 
ach  na'n  robh  e  air  a  leughadh  le  oigridh 
na  Gaidhealtachd  aig  na  ceilidhean  a  bhios 
aca  air  a'  gheamhradh  so,  <!0  aige  tha  fhios 
nach  do  shonraich  Dia  cheana  an  fheadhainn 
a  lionas  aite  leithidean  Sheumais  MhicCnin- 
nich  anns  an  eaglais. 

So  am  facal  mu  dheireadh  anns  an  leabhar  : 
"'  Gun  airgiod  agus  gun  talantan  mora, 
thairg  mi  mo  bheatha  agus  mo  sheirbhis 
do  Dhia,  o  chionn  ceithir  agus  tri  fichead 
bliadhna,  is  cha  do  dhiobair  e  riamh  mi. 
Na  'n  robh  mi  a'  toiseachadh  air  mo  bheatha 
as  ur  b'e  mo  rogha  obair  dol  a  dh'  ionnsuidh 
nan  cinneach  le  teachdaireachd  an  t-soisgeU, 
agus  a  thaobh  nan  lobhar  thug  iad  dhomh 
barrachd  's  a  thug  mi  dhaibh. 

Aig  toiseach  an  leabhair  tha  iom.radb 
coibhneil  air  a  dheanamh  air  Seumas 
MacCoinnich  le  charaid  agus  a  chompanach 
an  Oilthigh  Ghlaschu.  an  t-OUamh  Ruairidh 
MacLeoid. 

Mar  bhuidheachas  air  son  an  leabhair 
bhig  so,  agus  criosdalachd  agus  gaisgealachd 
agus  irioslachd  an  duine  a  sgriobh  e,  's  e 
cheud  ni  a  tha  mi  dol  a  dheanamh  am 
maireach  tabhartas  beag  a  thoirt  do  Mhission 
nan  Lobhar, 


Anns  a'  Chathair 


GEl)  is  narach  dhomh  aideachadh  cha 
d'  fhuair  mi  liamh  moran  toileachaidh 
no  buannachd  o  na  searmoin  a  leugh  mi, 
agus  ged  bu  m.h6r  mo  mheas  air  an  Ollamh 
Alasdair  Whyte,  agus  mo  dheidh  air  a 
chluinntinn,  cha  loisginn  mo  m.heuran  a 
shabhaladh  nan  searmon  aige  as  an  teine. 
Tlia  gu  leoir  de  leabhraichean  eile  againn 
a  ni  barrachd  feum.  d'  ad  inntinn  agus  d'  ad 
anam.  na  searmoin  no  leabhraichean  crabhach, 
agus  mar  sin  faodaidh  tu  ionaltradh  gun 
pheacadh  air  raontan  farsuing  air  La  an 
Tighearna.  Is  e  mo  chleacbdadh  fhein, 
an  deidh  dhomh  tighinn  dhachaidh  as  an 
eaglais,  feasgar  na  Sabaid  a  chur  seachad 
a'  leughadh  litrichean  a  bha  air  an  sgriobhadh 
gu'n  cairdean  le  daoine  aig  an  robh  fuaran 
'n  an  cridhe  as  an  robh  uisge  beo  ag  eirigh 
gun  traoghadh.  Leugh  mi  an  raoir  dha  no 
tri  litrichean  a  bha  air  an  sgriobhadh  le 
dithis  dhaoine  a  bha  eu-coltach  ri  cheile, 
Tearlach  Lamb,  duine  cho  laghach  's  a 
bha  riamh  air  an  t-saoghal,  agus  Tomas 
Carlyle  nach  robh  laghach  idir.  Cha  trie 
le  faidhean  a  bhi  laghach. 

Deuchainn  is  dearbhadh 

So  an  litir  a  chuir  Lamb  gu  S.  T.  Coleridge 
an   uair   a    chaidh   a   phiuthar,   Mairi,   as   a 
ciall  agus  a  mharbh  i  am  mathair. 
"  A  charaid  ghaolaich, 

Faodaidh  gu'n  cuala  thu  o  chuid-eigin 
no  gu  'm  faca  tu  anns  na  paipearan-naidh- 
eachd  mu  'n  lom-sgrios  eagallach  a  thainig 
air  an  teaghlach  againne.  Chaidh  mo 
phiuthar  ghaolach,  Mairi,  as  *  ciall,  agus 
ann  am  buaireas  agus  bainidh  an  dearg 
chuthaich  thainig  i  ri  beatha  a  niathar. 
Bha  mi  an  am  "s  gu  'n  deachaidh  agam  air 
an  sgian  a  spionadh  as  a  laimh.  Tha  i  a 
nis  ann  an  tigh-cuthaich  ach  tha  eagal  orm 
gu  'm  feumar  a  cur  a  dh'  ospidal.  Chum 
Dia  mo  reuson  riuro.  ;  tha  mi  a"  gabhail 
mo  bhidh  agus  a'  cadal,  is  tha  mo  thiir  agus 
mo  thuigse  agam.  Bha  m"  athair  bochd 
air  a  ghearradh  leis  an  sgithinn  cuideachd, 
ach  chan  'eil  esan  ro  dhona,  is  tha  mi  fhein 
an  so  a  shealltainn  as  a  dheidh  agus  as 
deidh  piuthar  m"  athar.  A  mach  o  Mghr 
Norris,  am  maighstir  sgoil,  a  tha  anabarrach 
coibhneil,  tha  sinn  leinn  fhein.  ach  buidh- 
eachas  do  Dhia,  tha  m"  inntinn  siothchail 
suidhiehte,  is  tha  do!  agam  air  a  h-uile  ni 
a  dheanamh  a  tha  feumail.  iSgriobh  chugam, 
agus  thoir  dhomli  comhfhurtaelul  dlnadli- 
aidli,  gun  dad  a  riidh  mu  'n  ni  a^  thachair. 
Air  mo  shon-sa  "tha  na  seann  nithe  a  nis 


thairis,"  is  tha  barrachd  agam  ri  dheanamh 
na  bhi  mothachail  air  mo  ghoirteas. 

Gu  'n  gleidheadh  an  Dia  Uile-chumh- 
achdach   sinn  uile !  " 

Dh'  iarr  e  air  Coleridge  gun  tighinn  'ga 
fhaicinn  ach  e  a  sgriobhadh  chuige,  is 
thuirt  e  ris  nach  nochdadh  e  e  fhein  na  'n 
tigeadh  e  'ga  fhacinn. 

Chan  'eil  fhios  agam  a  bheil  an  litir  a 
chuir  Coleridge  gu  Lamb  a  lathair  an  diugh, 
ach  tha  e  coltach  gu  'n  robh  tomhas  maith 
innte  de  'n  iocshlaint  a  bha  dhith  air, 
comhfhurtachd  dhiadhaidh. 

So  am  fios-freagairt  a  thug  Lamb  do   'n 
litir  sin. 
''  A  charaid  ghaolaich, 

Bha  beartas  dhomh  'n  ad  litir  nach 
gabh  innseadh.  Bidh  e  'na  aotromachadh 
dhuit  a  chluinntinn  gu  bheil  ciiisean  a  nis 
na's  gealltanaiche  d'  ar  taobh.  Tha  mo 
phiuthar  bhochd,  mo  ghaol  gaolach,  an 
t-shlat  neo-mhothachail  leis  an  do  smach- 
daich  Dia  an  teaghlach  againn  ann  am 
breitheanas,  a  nis  air  a  ciall  fhaotainn  air 
ais-'Tha  cuimhne  aice  air  a  ghniomh  uamh- 
asach  a  rinn  i,  ach  theid  aice  air  eadar- 
dhealachadJi  a  dheanamh  eadar  cionta  an 
duine  a  ni  mort  agus  a  thiir  aige,  agus 
cionta  an  duine  a  ni  mort  an  uair  a  tha  e 
air  a'  chuthach.  Tha  am  buaireas  a  bha 
'na  h-inntinn  air  sioladh  sios ;  an  diugh 
tha  i  ciiiin  samhach,  is  tha  mi  a'  faicinn  gu 
bheil  a  cridhe  gaolach  goirt  air  ar  son-ne. 
Buidheachas  do  Dhia,  a  charaid,  ged  is 
iongantach  e  ri  radh,  cha  do  chaill  mi 
o  thoiseach  mo  chiuine  no  mo  chomannd 
orm.  fhein  ;  a  dh'  innseadh  na  firinn,  an 
la  a  thachair  an  ni  muladach  ud  agus  ann 
an  teis-meadhon  ar  deistinn  bha  mi  cho 
samhach  faidhidinneach  's  gu'n  robh  daoine 
a'  saoilsinn  nach  robh  mothachadh  agam 
air  an  rud  uamhasach  a  thachair.  A  bheil 
e  amaideach  no  peacach  dhomh  a  r^dh 
gur  e  mo  chreideamh  agus  prionnspal  diadh- 
aidh  a  chum  suas  mi  1  Theagamh  gu  'n 
do  chuidich  nithean  eile  learn  cuideachd  ; 
fhios  a  bhi  agam,  nach  bu  choir  dhomh 
uine  a  chur  seachad  a'  caoidh  an  uair  a 
bha  uireasbhuidhean  dhaoine  eile  'g  am 
ghairm  ;  piuthar-m'  athar  "n  a  sineadh  gun 
chainnt  an  coltas  a'  bhais  ;  m'  athair 
truagh  agus  aodann  air  a  chomhdach  le 
fail  o  lot  a  fhuair  e  o  laimh.  a  nighinne,  air 
an  robh  uiread  gaoil  aige  's  a  bha  aice  air, 
agus  corp  mo  mhathar  ann  an  seomar  eile, 
ach  am  eigiun  fhuair  mi  taic  :ongantacb. 
An  oidhche  a   tliachair  e  cha  do  dhiiin  mo 


ANNS  A'  CHATHAIR 


shiiil,  ach  cha  robh  eagal  orm,  agus  cha 
mho  a  bha  mi  ann  an  eu-dochas.  An  ath 
oidhche  chaidil  mi,  agus  cha  do  chaill 
mi  lochd  cadail  bhuaithe  sin.  Bha  mi 
daonnan  cleachte  ri  bhi  sealltuinn  os  cionn 
nan  nithean  a  tha  aimsireil  agus  nach  mair 
ach  re  sealain,  is  tha  mi  'n  duil  gu  'n  do 
chiim  sin  suas  mi.  Tha  uallach  an  teaghlaich. 
uile  air  a  thilgeadh  air  mo  ghuaiilean,  oir 
cha  b'  nrrainn  mo  bhrathair  cuideachadh 
leam. 

FaodaidJi  mi  aon  rud  beag  innseadh 
dhuit,  suarach,  ann  fhein,  a  leigeas  fhaicinn 
dhuit  an  doigh  anns  am  bi  mi  a'  riaghladh 
agus  a'  stiiiradh  m'  inntinn.  La  no  dha 
an  deidh  a'  ghniomha  oillteil  ud  bha  teanga 
daimh  againn  air  ar  dinnear,  a  fhuair  Mairi 
air  mo  shon  agus  a  shaill  i  le  a  lamhan 
gaolach  fhein.  An  uair  a  shuidh  mi  aig 
a'  bhord  dh'  fhairich  mi  nach  b'  urrainn 
mi  an  teanga  a  ghabhail,  agus  mo  luaidh.  a 
dh'  ullaich  i  dhomh  cho  fada  bhuam,  ach 
an  uair  a  thainig  mi  chugam  fhein  thuirt 
mi  rium  fhein  nach  robh  maith  dhomli 
leigeil  le  m'  fhaireachduin  dol  os  mo  chionn, 
oir  na  'n  leigeadh,  nach  robh  seomar  no 
cathair  no  rud  eile  anns  an  tigh  nach  iiraich- 
eadh  mo  bhron  agus  nach  tugadh  orm  dol 
a  chaoineadh  le  sealltuinn  orra.  Ach  ged 
bu  mhaith  leam  a  bhi  cruaidh  agus  laidir, 
agus  gun  leigeil  le  m'  bhron  agus  le  m' 
fhaireachduinnean  gaoil  buaidh  fhaotainn 
thairis  orm  tha  e  air  uairean  duilich  dhomh 
na  tha  'n  am  chridhe  fholuch.  Oidhche  eile 
a  bha  mu  fhichead  d'  ar  cairdean  agus 
d'  ar  luchd-eolais  a  stigh,  cuid  dbiubh  air 
tighinn  "g  ar  faicinn  a  thoirt  misnich  is 
comhfhurtachd  dhuinn,  bha  sinn  a"  dol  a 
ghabhail  greim  bidh,  ach  leum  e  "n  am  inntinn 
gu  'n  robh  mo  mhathah'  ghaolach  marbh 
anns  an  ath  sheomar  rumn,  is  b"  fheudar 
dhomh  a"  chuideachd  fhagail,  a  dh'  fholuch 
an  t-agartas-coguis  agus  am  mulad  agus  an 
fhearg  agus  am  briseadh-cridhe  a  bha  a' 
riasladh  m'  anama,  stuadh  an  deidh  stuaidhe. 
Ann  an  uspagan  mo  chraidh  agus  cruaidh- 
ghleachd  m'  anama  chaidh  mi  air  mo 
ghliiinean  ri  taobh  ciste  mo  mhathar,  ag 
iarraidh  maitheanas  air  Dia  agus  air  mo 
mhathair  d  chionn  gu  'n  do  leig  mi  leis  a' 
chuideachd  toirt  orm  a  bhi  'ga  dichuimh- 
neachadh   cho   luath. 

Duine  Laghach 

Bha  companas  gaolach  a  pheathar  agus 
an  gaol  a  bha  aige  ohre  na  gharadh  mu  "n 
cuairt  air  Tearlach  Lamb,  "ga  dhion  o 
ghaoth  agus  stoirm,  agus  a"  beannacbaclh 
obair  a  lamh.  acli  an  uair  a  chaidh  Mairi 
as  a  ciall  agus  a  nxharbh  i  a  uiAtiiaiv  thuit 


an  saoghal  m"  a  cheann  mar  a  thuit  e  air 
lob.  Sin  an  t-am.  anns  am  faicear  ciod  a' 
ghne  dhuine  a  tha  annad,  an  uair  a  tha 
slat-smachdachaidh  an  Tighearna  air  do 
dhruim.  cho  goirt.  Faisgidh  e  agus  leighsidh 
e  agus  naomhaichidh  e  do  chridhe  a  bhi 
leughadh  mu  ghaol  geal  an  duine  so  air 
a  phiuthair,  an  cilram  a  ghabh  e  dhith, 
agus  m.'  an  chaomhalachd  a  nochd  e  d'  a 
dhaimhich  uile.  Theirinn  duine  laghach 
ri  duine  a  tha  gaolach  e  fhein  agus  air  a 
bheil  gaol  aig  daoine  eile,  mar  a  bha  gaol 
aig  Wordsworth  agus  Coleridge  agus  feachd 
de  sgriobhadairean  eile  air  Tearlach  Lamb. 

Faidh  a  bhiodh  a'  trod 

Ann  an  deireadh  a  bheatha  bha  Thomas 
Garlyle  na  sheorsa  de  dhia  beag  anns  an 
diithaich  so,  agus  na  'n  robh  'iomhaigh  air  a 
dealbh  ann  am  fiodh  agus  air  a  cur  'na 
seasamh  ann  an  Lunnainn,  rachadh  na 
miltean  a  Albainn  is  Eirinn  is  Sasunn  a 
chur  tarang  innte,  mar  a  bhiodh  na  Gear- 
mailtich  a'  cur  thairgnean  ann  an  Hinden- 
berg.  Ach  an  uair  a  shiubhail  Carlyle 
agus  a  fhuaras  eolas  air  a'  ghne  dhuine  a 
bha  ann  o  I.  A.  Froude,  a  sgriobh  eachdraidh 
a  bheatha,  agus  o  mhnaoi  fhein.  Sine  Welsh, 
agus  o  na  nithean  a  bhiodh  e  a'  cur  sios  "na 
leabhar-latha  fhein,  dh'  fhuaraich  am  meas 
a  bha  aig  a'  phobull  air  ann  an  tomhas  mor, 
is  cha  chluinn  thu  moladh  air  a  dheanamh 
air  mar  dhuine  an  diugh  ged  a  dh'  aidicheas 
daoine  gu  'm  bu  mhaith  do  "n  rioghachd  na  'n 
d'  eisd  i  ris  an  tronipaid  a  sheid  e  agus  an 
teachdaireaehd  a  thug  e  dhi,  agus  a  tha  e  a' 
toirt  dhuinn  fhathast,  oir  ged  tha  Carlyle 
marbh  tha  e  a'  labhairt  fhathast. 

Ach  ciod  air  bith  eile  a  tha  ri  radh  uime 
cha  chluinn  thu  duine  idir  ag  radh  gu  "m 
bu  duine  laghach  e  ;  duine  laidir,  duine 
fuinneach,  duine  neo-eisiomaileach  anns 
nach  robh  boinne  de  "n  leisg,  duine  tuigseach 
a  rinn  moran  meamhrachaidh  air  ciirsa 
naduir  agus  beatha  mhic  an  duine,  agus 
d'  an  d'  thug  Dia  comasan  m.6ra  air  gliocas 
a  tharruing  o  eachdraidh  nan  linntean  ; 
faidh  agus  fear-teagaisg  druidhteach,  ach 
na  h-abair  duine  laghach. 

Ciod  a  their  thu  mu  "n  litir  so  ma  ta  : 
litir  a  bha  air  a  sgriobhadh  le  Carlyle  gu 
I.  S.  Mill  I  Bha  Carlyle  a'  sgriobhadh  an 
ieabhair  ainmeil  a  sgriobh  e  'na  dha  no  tri 
dh'  earrannan  mu  "n  French  Revolution  : 
an  uair  a  bha  a"  cheud  earrann  criochnaichte 
agus  deas  gu  bhi  air  a  chur  an  clodh  thug  e 
leughadh  dheth  d"  a  charaid,  I.  S.  Mill, 
ach  gu  tubaisteach,  le  Tui-chiiram  Mhill  agus 
baoghaltaclid  sear'bhanta,  bha  an  leabhar 
air  a  thilgeadh  anns  an  teine,  obair  bliadhna 


6 


ANNS  A'  CHATHATR 


a'  dol  suas  iia  toit  amis  an  t-similear  ann 
am  beagan  mhionaidean.  Na'  n  robh  thu 
ann  an  aite  I.  S.  Mill,  agus  na  "n  robh  agad 
ri  dol  air  beulaibh  Charlyle  'na  leithid  sud 
de  shuidheachadh,  nach  biodh  eagal  ort  t 
Ach  ged  bha  caise  agus  corruich  ann  an 
Carlyle  nach  robh  daonnan  diadhaidh  bha 
uaisle  nadurra  ann  cuideachd,  agus  faidhidinn 
agus  innigh  trocair,  agus  an  deidh  do  Mhill 
falbh  sgriobh  e  an  litir  so  is  chuir  e  'ga 
ionnsuidh  i. 

'"  A  charaid  ionmhuinn, 

Dh'  fhag  thu  sinn  an  raoir  agus  aogas 
ort  nach  dichuimhnich  mi  gu  brath,  t' 
aodann  '  cho  ban  ri  tamhasg  Eachainn.' 
Cia  mar  a  tha  thu  ?  A  bheil  dad  as  urrainn 
mi  a  dheanamh  a  bheiieadh  aotromachadh 
dhuit,  no  a  leigeadh  learn  pairt  d'  ad  chradh 
fhulang,  oir  tha  fhios  agam  gu  bheil  do 
bhron-sa  na's  motha  na  mo  chall-sa.  Chan 
urrainn  thusa  dad  a  dheanamh  a  leasaicheas 
an  t-olc  a  dh'  eirich  dhuinn,  agus  mar 
thuirt  Richter,  tha  an  t-olc  a  ghabhas 
leasachadh  coltach  ri  trom-lighe  ;    a'  mhion- 


aid  a  ghluaiseas  tu  tha  i  air  falbh.  Th^id 
agamsa  air  tdiseachadh  air  an  leabhar  as  ur 
Faodaidh  nach  bi  e  cho  maith  ris  a'  cheud 
fhear,  no  faodaidh  gu  'm  bi  e  na  's  fhe^rr, 
ach  tha  a  chumadh  agus  a  dhealbh  'nam 
inntinn,  agus  tha  aobhar  agam  a  bhi  taingeil 
nach  e  ni-eigin  'n  am  cheann  a  bhris,  a 
bheireadh  bhuam  solus  mo  reusoin.  An 
teid  agad  air  an  leabhar  so  eile  fhaotainn 
dhomh  ?  Ma  theid,  's  maith  ;  ach  mUr  teid 
bidh  e  'na  fhaochadh  agus  'na  chomhfhur- 
tachd  d'  ad  chridhe  a  bhi  siubhal  air  a  shon." 
Litir  uasal  agus  litir  chaomhail  ;  gle 
thric  tha  daoine  crosda  dranndanach  a' 
tha  furasda  an  cur  bharr  an  siiiil,  agus  a 
chailleas  am  faidhidinn  ma  tha  an  dinnear 
anmoch,  no  ma  tha  an  speuclair  air  chall, 
no  ma  tha  sud  no  so  de  nithean  beaga 
suarach  cearr,  air  an  deanamh  'nan  daoine 
ciallach  ciiiin  faidhidinneach  an  uair  a  tha 
Dia  a'  cur  bron  trom  no  amhghar  gheur  'n 
an  crannchur.  Tha  buaidh  naomhachaidh 
aig  trioblaidean  mora  air  cridheachan  dhaoine, 
air  chor  agus  nach  call  dhuinn  a  bhi  air  ar 
smachdachadh  le  Dia. 


Fo  Chraobh  Sheudair 


GED  a  chuir  mi  romham  iomadh  uair  sgur 
de  bhi  a'  leughadh  leabhraichean  nan 
diadhairean  agus  nan  sgoilearan  mu  'n 
Bhiobull,  agus  am  Biobull  fhein  a  leughadh 
na  's  ciiramaiche  anns  na  tha  romham 
d'  am  laithean,  uair  is  uair  eile  bha  an  fheoil 
agus  an  toil  anfhann,  agus  gun  dol  na  's 
fhaide  na  'n  raoir  fhein  bha  mi  a'  leughadh 
fad  na  h-oidhche  an  leabhar  a  sgriobh 
sgoilear  m.aith,  an  t-Ollamh  E.  F.  Scott 
mu  dha  Litir  Thimoteuis  agus  Litir  Thituis, 
air  a  steidheachadh  air  an  eadar-theangach- 
adh  a  rinn  an  t-Ollamh  Sen  mas  Moffat 
orra.  Ach  chan  ann  air  obair  nan  diadh- 
airean sin  a  tha  mi  dol  a  bhruidhinn  an 
drasd  ach  air  rud  neonach  eile  nach  'ei 
fhios  agam  ciamar  a  thoisich  e,  mur  h-ann 
a  rudeigin  a  thuirt  E.  F.  Scott  mu  'n  fhalluinn 
a  dh'  fhag  Pol  ann  an  Troas  aig  Carpus, 
agus  na  leabhraichean,  agus  gu  h-araidh  na 
meambrana,  no  mar  tha  e  air  a  chur  na  's 
fhearr  anns  a'  Bhiobull  mu  dheireadh,  na 
craicinn-sgriobhaidh.  Chuala  mi  uair  no 
dha'  searmoin  mu  na  parchments  aig  Pol, 
mar  gu  'm  b'  e  seanchas  mu  'n  Chreideamh 
a  bha  orra,  coltach  ris  na  litrichean  a  sgiiobh 
e,  ach  tha  Moffat  agus  Scott  am  beachd 
nach  robh  annta  ach  paipearan-teisteanais 
leis  an  rachadh  aig  Pol  air  a  dhearbhadh 
uair  air  bith  do  luchd-dreuclid  anns  lui 
te-ilteaii  a  bha  e  a"  dol  tromh])a  gd  "in  W  e 


Romanach  saor  a  bha  ann,  direach  mar  a 
dh'  fheumas  luchd-siubhail  o  dhuthaich  gu 
duthaich  an  diugh  fhathast  jjassports  a  bhi 
aca. 

Thug  na  bha  mi  a'  leughadh  gu  m'  chuimhne 
rud-eigin  a  bha  agam  ri  dheanamh  an 
uair  a  bha  mi  'nam  oileanach  6g  an  Talla 
na  Diadhachd  an  Dim-eideann.  Bha  againn 
uile  ri  paipsar  a  sgriobhadh  ann  an  Laideann 
air  cuspair  air  bith  a  chuireadh  Professor 
Flint  m'  ar  coinneamh,  an  diadhair  a  b' 
urramaiche  agus  a  b'  fhoghluimte  an  Albainn 
aig  an  am.  Gu  mi-shealbhach  's  e  an  cuspair 
a  thug  e  dhomhsa,  Bith  agus  buadhan  Dhia. 
An  cuala  tu  riamh  a  leithid  ?  :  balach 
aineolach,  no  dh'  fhaodainn  a  radh,  asail 
fhiadhaich  as  na  h-Eileanan,  air  a  chur  an 
sas  ann  an  obair  a  dh'  fhairtlich  air  Augustine. 
Cha  robh  dith  misnich  orm  no  dith  coguis, 
is  sgriobh  mi  corr  is  fichead  d,jiilleag  cho 
maith  'sab'  urrainn  mi  air  an  diomhaireachd 
uamhasach  ud,  ach  Och,  Och,  bha  'n  Laideann 
dona,  agus  an  diadhaireachd  faoin  agus 
tana  agus  fa^n,  agus  an  diugh  fhathast 
chan  "eil  uair  a  chuiro.hnicheas  mi  air  a' 
mheambran  neonach  ud  nach  fas  m'  aodann 
dearg.  An  uair  a  thug  Flint  dhomh  air  ais 
e  cha  robh  comharadh  air  bith  air  a'  phaipear 
gu  'n  do  leiigh  e  ach  a  mhain  gu  'n 
fobh  am  facal  Sustained  aig  a  bhoim  'n  a 
lamh-sgrlobhaidh    ghri'nii. 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


An  aisling 

An  uair  a  sguir  mi  a  leughadh  mu  na 
parchments  chaidh  mi  a  laighe,  agus  amis 
an  leabaidh  chuala  mi  Dia,  is  dh'  fhairich 
mi  gvi  'n  robh  e  anns  an  t-seomar  ged  nach 
robh  mi  'ga  fhaicijin. 

"  Tha  moran  bruidhne  "  thubhairt  e, 
"  air  a  ,  dheanamh  umam-sa  air  thalamh, 
ach  ann  am  moran  de  'n  bhruidhinn  sin, 
chan  'eil  eolas  no  tuigse  no  ciall.  Is  mise 
an  Cruithear ;  sin  an  aon  ni  as  urrainn 
sibh  a  radh  no  a  smuaineachadh  nmam-sa, 
gun  bhi  'na  shamhladh,  gur  mi  an  Cruithear. 
Chan  'en  anns  a'  chorr  ach  rud  a  tha  air  a 
tharniing  as  a  sin  le  reusonachadh,  no  le 
fiosrachadh,  no  le  dilrachd,  no  le  faireach- 
duinn  mhic  an  duine.  Tha  e  diomhaineach 
dhuibh  a  bhi  ag  radh,  '  Ciod  e  Dia  'na  bhith 
neo-chruthaichte,'  oir  ged  tha  mi  a'  foillseach- 
adh  m'  ainme  troimli  na  linntean,  oir  tha 
eadhon  m'  ainm  'na  thur  laidir  do  na  f  ireana 
a  ruitheas  'g  a  ionnsuidh,  mar  so  their 
sibh  ri  feallsanaich  aig  nach  'eil  eolas  agus 
ri  daoine  eagnuidli  nach  d'  iarr  m'  ainm  ; 
Is  mi  an  ti  as  mi." 

Thainig  e  f odham  fhaighneachd  an  abrainn 
Dia  ris  a  ,h-uile  ni  nach  urrainn  Dia  fhein 
atharrachadb ,  ach  chuimhnich  mi  ann  an 
am  gu  'n  robh  esan  air  neamh  agus  mise 
air  thalamh,  agus  mar  sin  chuir  mi  mo 
lamh  air  mo  bheul.  Ach  cha  luaithe  a  rinn 
mi  sin  na  shiolaidh  an  guth  air  falbh  as  mo 
chluais,  agus  feuch,  bha  mi  'n  am  shuidhe 
ann  an  eaglais  Bhlair ! 

Co  a  bha  'nan  suidhe  ri  m'  thaobh  ach 
Cardinal  Newman  agus  an  t-OUamh  Freeland 
Barbour,  a  bha  a'  feitheamh  ri  Spinoza 
agus  e  dol  a  bhruidhinn  ruinn  mu  Dhia. 
Ach  cha  b'  e  Spinoza  a  thainig  a  steach  ach  an 
t-Ollamh  Alasdair  Wliyte  agus  gun  suidhe, 
no  salm  a  shemn,   sheall  e  air  a'   choimb- 


thional  gu  diir  anns  an  aodann,  agus  'aodann 
fhein  cho  ban  ri  breid,  agus  thuirt  e  ruinn 
ann  an  guth  critheanach,  "  Ciod  an  gnothuch 
a  tha  agadsa,  a  pheacaich,  ris  a'  Chruithear  ; 
tha  an  Cruithear  far  an  robh  e  riamh, 
agus  far  am  bi  e  gu  brath  agus  far  nach  ruig 
thusa  air  ;  anns  an  tairneanach  agus  anns 
a'  ghrioglachan  agus  anns  a'  chuan  m.h6r  ; 
chan  'eil  ann,  a  pheacaich,  ach  aon  Dia  beo 
agus  fior  ris  am  faod  gnothuch  a  bhi  agad,  an 
Dia  a  tha  'ga  fhoillseachadh  fhein  mar 
Shlanuighear.  Na  tha  dh'  eolas  agad  air 
Dia  is  ann  o'  n  fhiosrachadh  a  tha  agad  air 
do  pheacadh  fhein."  An  sin  dh'  aithris  e 
gu  beag  ris  fhein,  agus  gun  ach  iarmad 
de  'n  choimhthional  'ga  thuigsinn  no  'ga 
chluinntinn. 

"  Dh'  fheitb  mi  le  foighid  mhaith  ri  Dia 
chrom  thugam,  dh'  eisd  m.o  ghuth  ; 
Is  thug  se  a  slochd  uamhainn  mi 
a  clabar  criadha  tiugh." 

agus  an  sin  bha  tosdachd  anns  an  eaglais 
coltach  ris  an  tosdachd  a  tha  air  neamh 
agus  ann  an  cridheachan  saor-dhaoine  an 
Tighearna,  an  uair  a  chuala  sirm  na  briathran 
so  o'  n  diadhair  tiasal  a  bha  a  shuilean  agus 
aire  cho  teann  air  Dia  na  trocair  's  nach  do 
mhothaich  e  gu  'n  robh  Cardinal  Newman 
agus  Iain  Owen  anns  an  eisdeachd. 

"  Co  is  Dia  ann  cosmhail  riutsa,  a  mhaitheas 
aingidheachd  agus  a  ghabhas  seachad  air 
easaontas  iarmad  'oighreachd  ?  Cha  ghUidh 
e  a  chorruich  gu  siorruidh  a  chionn  gur 
toigh  leis  trocair." 

An  sin  m'  an  deachaidh  e  as  an  t-sealladh 
'n  am  aisling  thog  e  a  lamhan  agus  bhean- 
naich  e  sinn,  ag  radh,  "  Gu  'n  deanadh 
Dia  trocair  oirbh  agus  gu  'm  beannaicheadh 
e  sibh,  agus  gu  'n  tugadh  e  air  a  ghnuis 
dealrachadh    oirbh." 


Aig  an  Uinneig 

An  t-Urramach  Alasdair  MacRath 


BIDH  moran  Ghaidheal  ag  ionndrainn 
Alasdair  MhicRath,  ged  bha  a'  chuid  mhor 
d'  a  obair  air  a  deanamh  a  mach  o  Albainn 
ann  am  baile-mor  Lunnainn.  Ministear 
maith  agus  duine  suairce  bha  meas  air 
aig  a  h-uile  duine  d'  am  b'  aithne  e,  agus 
meas  sonraichte  air  aig  na  reiseam.aic]ean 
a  bha  e  a'  frithealadh  dhaibh  anns  a'  chogadh 
agus  aig  an  tigh,  na  Scots  Guards. 

Mac  do  Dhomhnull  MacRath  a  bha  'na 
bhancair  an  Cinn-ghiuthsaich,  rugadh  e 
an  1863  ;  bha  e  air  oileanachadh  an  Cill- 
Rimhinn  ;  fhuair  e  cead  sear mona chaidh  o 
Chleir  Loch  Carrann  an  1885  ;  bha  e  greis 
'na   fhear-cuideachaidh    anns   a'    Chonghaill 


agus  ann  an  Cill-fhinn,  is  bha  e  air  a  shuidh- 
eachadh  ann  an  Greengairs  an  1888.  An 
1892  chaidh  e  dh'  eaglais  Cuirt  a'  Chrtiin 
far  an  do  shaotliraich  e  gu  1917,  an  uair 
a  leig  e  dheth  an  eaglais  agus  e  air  a  shonruch- 
adh  gu  bhi  frithealadh  do  reiseamaidean 
ann  an  Lunnainn.  Ann  an  cogadh  1914-18 
bha  e  leis  na  Scots  Guards,  agus  lean  e 
riu-san  an  deidh  cuid  d'  a  obair  eile  a  leigeil 
seachad. 

Chuir  e  maise  air  Eaglais  a'  Chruin  nach 
robh  oirre  an  uair  a  chaidh  e  innte,  an  eaglais 
d'  an  robh  a'  bhean-uasal  Prances  Balfour 
cho  dileas.  Bha  daoine  as  a  h-uile  cearn 
a  dh'  Albainn  'nam  buill  arms  an  eaglais 
aige  air  chor  's  gu  'm  b'  aithne  do  mhoran 


Arc  AN  UINNKIG 


'ainm  agus  'obair.  Leig  e  dheth  obair  an 
1932,  agus  chuir  e  seachad  feasgar  a  bheatha 
ann  am  Broughty  Ferry,  a'  mealtainn 
Sabaid  fhada  agus  fhoisneachail  fo  dhealradh 
gnuise  banacharaid  dha  fhein.  Bba  e  ceithir 
fichead  's  a  sia  an  uair  a  shiubhail  e  ;  duine 
laghach,  blath,  eeanalta,  anns  nach  robh 
boilich  no   meud-mhor. 

Sir  Tomas  Stiubhard  Mac-a-Phearsoin,  LL.D. 
CHAILL  Baideanach  am  bliadhna  fear  de 
na  balaich  a  b'  ainmeile  a  thogadh  ann, 
ach  a  mh^in  a  bhrathair  fhein,  o  bha  Seumas 
Mac-a-Phearsoin  a  sgriobh  Oisean  beo. 
Is  aithne  do  'n  t-saoghal  ro.ar  a  fhuair  an 
teaghlach  tapaidh  a  bha  aig  Seumas  Mac-a- 
Phearsoin,  croitear  agus  marsanta-guail  am 
Bail'ur  an  t-sleibhe  air  an  aghaidh,  agus 
an  soirbheachadh  agus  an  t-ughdarras  a 
bha  aca  am  measg  an  co-aoisean.  Ach  cha 
b'  ann  le  cuilbheartan,  no  le  tuiteamas,  no 
le  fabhar  dhaoine  eile  a  choisinn  iad  e, 
ach  le  'n  dicheall  agus  le  'n  tapachd  agus 
le  'n  gleustachd  fein.  B'e  an  sgoil  am.  farad  h 
air  an  do  dhirich  iad,  steap  an  deidh  steap, 
agus  ma  bha  iad  an  eisiomail  duine  idir 
b'e  an  duine  sin  an  t-011am.h  MacCoinnich. 

Thainig  Sir  Tomas  dhachaidh  as  na 
h-Innsibh  an  Ear  'na  dhuine  6g,  agus  a 
thaobb  's  gu  'n  robh  lamh  aige  riamh  ann  an 
riaghlaireachd  bha  e  daonnan  toileach  air 
dol  air  Committees  a  bha  buntainn  ri  obair 
na  h-eaglais  agus  obair  na  siorramachd. 
Ach  thainig  sin  a  nis  gu  crich. 

Bha  e  'na  dhuine  curamach  aig  an  robh 
tomhas  maith  de  ghliocas  an  t-saoghail, 
laghach  agus  sunndach  agus  companta, 
gun  dad  idir  ann  de  mhoralachd  nan  Rajahs. 
Rinn  e  a'  chuid  a  b'  fhearr  d'  a  bheatha  ; 
ma  's  e  airgiod,  rinn  e  moran  airgid ;  m.a  's 
e  cliu,  chaidh  ainm  am  farsuingeachd  is  thug 
an  righ  urram  dha,  agus  ma  's  e  sliochd, 
tha  teaghlach  ghillean  aige  a  tha  cheana 
na  's  ainmeile  na  e  fhein.  Ach  am  measg 
uile  thiodhlacan  an  Fhreasdail  cha  d' 
atharraich  e  fhein  seach  mar  a  b'  aithne 
dhomh  e  an  toiseach. 

A  bhann  laidir 

Ciod  a'  bhann  as  laidire  a  tha  ceangal 
cridheachan  chreidmheach  ris  an  Tighearna 
losa.  Tha,  taingealachd  air  son  na  rinn  e 
agus  na  dh'  fhuiling  e  air  an  son.  Sin  an 
tobar  as  an  d'thainig  an  eaglais  ;  an  steidh 
air  a  bheil  an  eaglais  air  a  togail.  Chan 
urrainn  duine  an  Tiomnadh  Nuadh  a  leugh- 
adh  gun  fhaicinn  agus  gun  fhaireachduin  gu 
robh  na  daoine  a  sgriobh  e  a'  deanamh  gair- 
deachais  ann  an  ni-eigin  a  bha  dhaibh  fein 
cho  iongantach  agus  cho  glormhor  's  gu  robh 
e  duilich  dhaibh  briathran  fhaotainn  leis  an 


innseadh  iad  e  do  dhaoine  eile  ;  ni-eigin  a 
bha  cur  aoibhneis  'n  an  cridhe  agus  oran 
nuadh  'n  am  bsul  Tuigidh  a  h-uile  duine 
a  fhuair  maitheanas  bho  Dhia,  agus  d'  an  do 
chuir  Dia  foluch  air  a  chionta,  tuigidh  e  an 
taingealachd  so  a  bha  ann  an  cridheachan 
nan  ceud  chreidmheach  ;  a'  cheart  fhaireach- 
duin a  bha  ann  an  cridhe  Iain  Newton  an 
uair  a  sheinn  e, — ■ 

Ge  meata  yri  oidhirpean  an  traths\ 
,  Ge  fann  mo  ghradh  's  mo  ghldir, 

'  Nuair  bhios  mi  maille  riut  gu  h-ard 

Molaidh  mi  mar  is  coir. 

Gu  sin  biodh  plosgartaich  mo  chre 

A'  cur  an  g^.ill  do  ghrais, 

'S  hiodh  d'  ainm  'na  chedl  dhomh  fad  mo  re, 

\S  'na  steidh  aig  am  mo  hhais. 

Uabhar  na  Beatha 

Tha  facal  an  Tighearna  a'  diteadh  uabhar 
na  beatha,  agus  b'  abhaist  do  ha  seann  diadh- 
airean  a  bhi  cunntas  uabhar  am  measg  nam 
peacaidhean  a  tha  gu  bas.  Tha  e  cho  duilich 
do'n  duine  uaibhreach  dol  a  steach  do  riogh- 
achd  Dhe  'sa  tha  e  do'n  duine  shaoibhir,  agus 
cha  teid  e  steach  idir  mur  fag  e  'uabhar  a 
muigh.  "  Ge  b'e  neach  nach  gabh  rioghachd 
Dhe  mar  leanabh  beag  cha  teid  e  gu  brath  a 
steach  innte."  Ged  tha  geata  neimh  farsuing, 
chan  'eil  e  ach  iosal,  agus  feumaidh  iadsan  a 
theid  a  steach  an  cinn  a  chromadh.  "  Air  an 
fhear  so  amhaircidh  mi,"  ars'  an  Tighearna, 
"  eadhon  air-san  a  tha  bochd  is  leonta  'n  a 
spiorad,  agus  a  chriothnaicheas  roimh  m' 
fhacal."  Is  ni  iongantach  e  gu'n  deanadh  an 
t-Uile-Chumhachdach  a  chomhnuidh  ann  an 
anam  duine  idir,  ach  is  e  an  t-anam  anns  an 
dean  e  a  chomhnuidh,  an  t-anam  a  tha  air 
fhalamhachadh  de  uabhar  agus  de  fhein- 
fhireantachd.  Ciod  an  cordadJi  is  urrainn  a 
bhi  eadar  an  Spiorad  Naomh  agus  uabhar  na 
beatha  ? 

Ann  an  iomadh  aite  ann  am  facal  an  Tigh 
earna  tha  olcas  na  h-inntinn  uaibhrich  air  a 
cliur  fa'r  comhair,  ach  tha  sinn  'g  a  fhaicinn 
gu  soilleir  ann  am  beatha  dhaoine  mar  a  bha 
Saul,  is  Absalom,  is  Pharaoh,  is  Haman,  is 
Nebuchadnessar,  daoine  a  chaidh  air  seachran 
air  Dia  leis  an  ardan.  Tha  gu  leoir  de 
dhaoine  a'  dol  air  seachran  bho  rioghachd 
neimh  an  diugh  fhathast  leis  a'  cheart  aobhar. 
Cha  mhaith  leo  dad  a  ghabhail  eadhon  o  Dia 
gun  airgiod  agus  gun  luach.  Bu  mhaith  leo 
an  rathad  a  phaigheadh  a  steach  do  neamh 
gun  a  bhi  ann  an  eisiomail  saor  ghras  Dhe. 
Ach  sin  rud  nach  gabh  deanamh.  Cha  teid  a 
steachd  do  rioghachd  Dhe  ach  a  mhain  iadsan 
aig  a  bheil  faireachduinn  air  am  falamhachd 
agus  an  neo-airidheachd  agus  an  anfhannachd 
gu  spioradail,  agus  a  tha  toileach  air  tiodhlac 
na  beatha  a  ghabhail  o  Dhia  gu  saor. 


Aireamh  2 


1950 


lonndrainn  an  anama 

Chruthaich  thu  sinn  dhuit  fein,  is  cha  bhi  ar  cridheachan  aig  fois  gus 
am  faigh  iad  fois  annad  fdin. —  Augustin. 


SIN  facal  a  bha  air  a  sgriobhadh  leis  an 
Naomh  Augustin,  facal  a  tha  air  aithris 
cho  trie  le  ministearan  anns  a'  chubaid 
's  gu  bheil  an  dara  letli  de  'n  t-sluagh  a 
bhios  ag  eisdeachd  riti  an  duil  gur  ann  as  a' 
Bhiobull  a  thug  iad  e ;  a  soisgeul  Eoin 
no  aon  de  na  sailm  no  o  fhear-eigin  de  na 
h-abstoil.  Gheibh  thu  anns  na  sailm  agus 
ann  an  soisgeul  Eoin  iomadh  facal  a  tha 
gle  choltach  ris, 

Tha  tart  air  rn   anam  as  deidh  DM. 
Air    Dia    a    mhain    tha    m     anam    o' 

feitheamh  ;   naithe-san  thig  mo  shlainte. 
Tha     mo    chridhe    agus    rn     fhedil    ag 

digheach    gu    h-ard    air    son    an    De 

bhed. 
A      Thighearna,    foillsich     dhuinn     an 

t-  Athair  agus  is  leor  leinn  e. 

A  bheil  so  fior  ?  A  bheil  an  fhaireachduin 
so  no  an  ionndrainn  so  ann  an  cridheachan 
nan  uile  dhaoine  ?  Bhithearp.aid  ag  radh 
aig  aon  am  gu  bheil,  agus  gu  bheil  sin  a' 
dearbhadh  gu  bheil  Dia  ann,  agus  nach  bi 
mac  an  duine  riaraichte  gu  brath  gun  co- 
chomunn  air  choreigin  a  bhi  aige  ris,  mor 
no  beag.  Ach  chan  ann  mar  sin  a  chuireamaid 
e  an  diugh,  oir  tha  fhios  againn  gu  bheil 
moran  moran  dhaoine  nach  'eil  a'  creidsinn 
ann  an  Dia  ach  nach  'eil  idir  neo-shona 
no  neo-fhoisneachail  'n  an  cridhe  ged  nach 
'eil  ;  daoine  aig  nach  'eil  Dia  ann  an  gin 
d'  an  smuaintean,  a  tha  Ian  thoUichte  a 
bhi  gun  Dia  agus  gun  dochas  air  bith  a 
bhuineas  dp  'n  ath  shaoghal. 

Ciod  a  their  thu  mu  na  daoine  sin,  no 
oiod  an  seagh  anns  a  bheil  am  facal  a  thuirt 
Augustin  fior,  cho  fior  's  gur  fhiach  dhuinn 
leantuinn  air  aithris  is  ath-aithris  an  uair 
a  bhios  sinn  a'  bruidhinn  ri  daoine  mu 
Dhia  agus  mu  'n  bheatha  spioradail  agus 
mu  'n  fhianuis  a  tha  againn  'n  ar  cridheachan 
fhein  gu  bheil  Dia  ann,  agus  gu  'm  bi  ni-eigin 
a  dh'  easbhuidh  oirnn  mur  bheil  eolas  againn 
air,  no  mur  bheil  co-chomunn  againn  ris. 

Tha  an  rud  a  thuirt  Augustin  fior  a 
chionn  gu   bheil   e   air   a   dhearbhadh   anns 


gach  linn  o'm  fiosrachadh  fhein  leis  a'  mh6r- 
chuid  de  dliaoine  ciallach  aig  a  bheil  beagan 
eolais  air  an  cridheachan  fhein.  Na  'm 
biodh  e  comasach  do  dhaoine  an  laithean 
uile  anns  an  t-saoghal  so  a  chur  seachad 
gun  a  bhi  smuaineachadh  idir  air  Dia, 
shaoileadh  tu  gu  'n  rachadh  aca  air  a 
dheanamh  a  chionn  gu  bheil  uiread  nithean 
eile  anns  an  t-saoghal  a  shasuicheadh  an 
anam,  agus  a  bheireadh  dhaibh  na  tha 
dhith  orra  de  shonas  no  de  thlachd  ;  airgiod 
is  obair,  is  solasan  na  feola  ;  gaol  is  companas, 
is  cridhealas  ;  dachaidhean  sitheil  is  bodh- 
aigean  gun  ipheang,  agus  nithean  eile 
de  'n  t-seorsa  sin  a  bhios  daoine  a'  miannach- 
adh  dhaibh  fhein.  Shaoileadh  tu  sin  ;  ach 
'mar  a  thuirt  fear  de  na  seann  Phiiiritanaich, 
Tha  cridhe  mhic  an  duine  tri-chearnach 
agus  an  saoghal  cruinn,  is  ged  chuireadh 
tu  an  saoghal  uile  anns  a'  chridhe,  bhiodh 
falamhachd  ann  fhathast.  Bhitheadh  gu 
deimhinn,  oir  chruthaich  Dia  sinn  dha 
fhein,  is  cha  bhi  ar  cridheachan  aig  fois 
gus  am  faigh  iad  fois  ann  fein.  Mar  tha 
snathad  na  combaist  a'  tionndadh  gu  tuath, 
mar  sin  tha  cridhe  an  duine  a'  tionndadh 
ri  Dia. 

Ged  tha  gu  leoir  de  dhaoine  aig  nach  'eil 
faireachadh  no  mothachadh  no  ionndrainn 
air  Dia  chan  e  sin  an  f hior  nadur  daonna 
ach  am  mi-shealbh,  easbhuidh  a  tha  annta 
o'm  breith,  direach  mar  tha  cuid  de  dhaoine 
bodhar  no  balbh  no  dall  o'm  breith.  Cha 
ghabhadh  tu  balbhan  no  dall  mar  shampull 
air  duine  slan  no  iomlan  ;  chan  'eil  ann  ach 
leth-duine,  duine  air  a  bheil  easbhuidh. 
Sin  mar  a  tha  na  daoine  aig  nach  'eil  ionn- 
drainn air  Dia  ;  chan  e  sin  an  nadur  no 
an  daomiachd,  ach  easbhuidh  a  tha  'n  an 
claonnachd,  agus  troimh  na  linntean  uile 
is  e  guidhe  agus  glaodh  a'  chinne-daonna, 
"  Och  nach  robh  fhios  agam  c'  ait  am  faighinn 
e,  chum  gu  'n  tigitm  a  dh'  ionnsuidh  'aite." 

Tha  f eum  aig  an  duine  air  Dia,  an  Dia 
beo  agus  fior,  Dia  ann  an  Criosd,  agus 
mur  faigh  e  e  ni  e  Dia  air  choreigin  eile 
dha  fhein  ged  nach  b'  urrainn  dha  ainm 
a  thoirt  dha  ach  "  An  Dia  neo-aithnichte." 


lOKNDRAINN  AN  ANAMA 


Tha  iomadh  rathad  gu  Dia,  ach  am  bitheantas 
is  e  am  feoim  a  tha  a'  tarruing  agus  a' 
treorachadh  dhaoine  gu  Dia,  am  feum  a 
tha  aca  chan  ann  air  Dia  ar  Cruithear  ach 
air  Dia  ar  Fear-saoraidh. 

Chan  'eil  ami  an  Dia  a  tha  air  fhoillseach- 
adh  anns  na  neamhan  le  speuradairean 
agus  feallsanaich  ach  "  Dia  neo-aithnichte  "  ; 
is  ann  a  mhain  anns  a'  Bhiobull  a  tha  an 
Dia  "  beo  agus  fior  "  air  fhoillseachadh,  ar 
n-Athair  agus  ar  Fear-saoraidh.  Is  ann  mar 
fhear-saoraidh  a  tha  Dia  'ga  fhoillseachadh 
fMin  do  chloinn  nan  daoine,  agus  do  pheacaich 
a  mhain. 

0  thoiseach  gu  deireadh  is  e  teachdaireachd 
a'  Bhiobuill  agus  teachdaireachd  an  t-soisgeil, 
"  Na  biodh  eagal  ort ;  shaor  mise  thu ; 
tha  mise  maille  riut."  Agus  a  chionn  gu 
bheil  'anfhannachd  agus  'easbhuidh  agus 
'eagal  eho  mor,  agus  a  chionn  gu  bheil  a 
choguis  a'  toirt  mothachadh  dha  air  a 
pheacaidhean  agus  air  a  chionta  an  aghaidh 
an  Athar  naoimh,  tha  e  'na  sgeul  aoibhneach 
do  'n  duine  gu  bheil  Dia  ann  an  Criosd 
a'  deanamh  an  t-saoghail  reidh  ris  fein. 
Dia  ann  an  Criosd  is  chan  ann  anns  na 
speuran  ;  anns  na  speuran  tha  e  cho  docha 
gu  'n  caill  thu  e  agus  a  tha  e  gu  'm  faigh 
thu  e,  ach  ann  an  Criosd  tha  e  cho  dluth 
dhuit  ri  t'  anail  ;  chi  thu  e  ann  am  Betlehem 
agus  air  gltm  a  mhathar  ;  anns  an  tigh- 
shaorsainneachd  agus  am  measg  nan  deis- 
ciobul  an  Galile  ;  am  measg  sgriobhaichean 
agus  shagartan  a  bha  air  son  breith  air 
'na  fhacal  agus  'na  ghitilan ;  a  leigheas 
daoine  tinne,  agus  a'  fosgladh  suilean  nan 
dall,  a'  bruidhinn  ri  daoine  ann  an  cosmh- 
alachdan    mu    Dhia    agus    mu    rioghachd 


Dhe  ;  chi  thu  e  air  a  thoirt  thairis  do 
lamhan  a  naimhdean  gu  h-eucorach  ;  air  a 
sgiursadh  agus  air  a  cheusadh  agus  air  a 
chur  anns  an  uaigh,  gun  aon  fhacal  cas  a 
labhairt,  ach  a  l&mhan  togte  ri  Dia  ag  radh, 
"  Athair,  thoir  maitheanas  dhaibh  oir  chan 
'eil  fhios  aca  ciod  a  tha  iad  a'  deanamh." 
Agus  'na  dheidh  sin,  an  ni  as  iongantaiche 
agus  as  miorbhuiliche  uile  gu  leir,  an  uaigh 
falamh  agus  losa  air  eirigh  o  na  mairbh. 
Chi  thu  sin  uile  agus  fad  na  h-uine  a  lamhan* 
togta  ann  an  coibhneas-gr^idh  os  cionn 
nan  uile  dhaoine,  'gam  beannachadh  agus 
ag  radh,  "  Thigibh  am  ionnsuidh-sa  sibhse 
uile  a  tha  ri  saothair  agus  fo  throm  uallach 
agus   bheir   mise   suaimhneas   dhuibh." 

Feuch  is  e  so  ar  Dia-ne  ;  dh'  fheith  sinn 
ris  agus  thearuinn  e  sinn !  Mur  e  so  Dia 
c'  aite  am  faigh  sinn  e,  Dia  a  mhaitheas  ar 
peacaidhean,  a  bhriseas  sios  am  balla- 
meadhoin  eadar  sinn  agus  e  fhein,  agus  a 
bheir  dhuinn  uile  shochairean  a  chloinn  e, 
slighe  fhosgailte  'ga  ionnsuidh,  reite  agus 
sith,  agus  an  sonas  agus  an  co-chomunn 
ris  fhein  a  tha  acasan  a  dh'  eisd  ri  gairm 
Chriosd. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana,  is  ann  do 
pheacaich  a  tha  Dia  'ga  fhoillseachadh 
fhein  agus  a'  tighinn  dltith  ann  an  Criosd, 
daoine  aig  a  bheil  mothachadh  air  am  fiachan 
dha.  Cha  bhi  am  peacach  gu  brath  aig 
fois  gus  an  cluinn  e  Criosd  ag  radh  ris, 
"  Is  mise  do  Thighearna  agus  do  Dhia," 
agus  an  abair  e  fhein,  "  Mo  Thighearna 
agus  mo  Dhia."  An  uair  a  thachras  sin 
bidh  sith  anns  an  anam  agus  deagh  dhochas 
agus  oran  nuadh. 
.   Tha  tart  air  m'  anam  'n  geall  air  Dia. 


Fo  Chraobh  Sheudair 

An  ddighean  diomhair  gluaisidh  Dia, 
'Thoirt  iongantais  mu  'n  cuairt. 


THA  seorsa  dhaoine  ann  an  diugh  nach 
'eil  a'  creidsinn  gur  e  leabhar  fior  a  tha 
anns  a'  Bhiobull  a  chionn  gu  bheil  naidh- 
eachdan  air  innseadh  ann  coltach  ris  an 
naidheachd  a  tha  air  innseadh  ann  mu 
Ananias  agus  Saphira.  Tha  cuimhne  aca 
air  a  liughad  breug  a  dh'  innis  iad  fhein 
agus  daoine  eile  riamh  gun  a  bhi  air  am 
bualadh  as  an  seasamh  le  Dia,  agus  mar  sin 
their  iad  nach  'eil  dreach  na  firinn  air  an 
naidheachd.  Ach  chan  'eil  Lucas  ag  radh 
gur  e  Dia  a  mharbh  an  dithis  ud,  agus 
faodaidh  e  bhith  nach  e,  ach  anns  an  t-seagh 
gu   'n  d'   ordaich  e  roimh  l^imh,   chum   a 


ghloire  fein  gach  ni  a  thig  gu  crich.  Tha 
sin  cho  fior  's  a  tha  Leabhar  Aithghearr 
nan  Ceist  'ga  radh,  is  tha  an  naidheachd 
a  dh'  innis  Lucas  fior  ged  a  theireadh 
doctair  gu  'm  b  'e  aobhar-bais  na  caraid 
ud  failing -cridhe  leis  a'  chlisgeadh  a  fhuair 
iad  an  uair  a  leig  Peadar  fhaicinn  dhaibh 
gu  'n  robh  fhios  aige  air  an  cealgaireachd. 
Gle  thric  chan  'eil  ann  am  failing -cridhe 
ach  ainm  boidlieach  air  droch-choguis,  a  tha 
air  aobharachadh  leis  an  eagal  a  tha  air 
peacaich  gu  'm  faigh  am  peacadh  a  mach 
iad.  Ged  nach  bi  doctairean  'ga  chur  air  an 
teisteanas-bais   a   tha   an  lagh   ag   iarraidh 


FO  CHRAOBH  SHEUDAIR 


n 


tha  daoine  a'  basachadh  le  droch  choguis 
cho  cinnteach  's  a  tha  iad  a'  basachadh  le 
droch  stamaig  no  le  droch  ghruthan. 

Ann  an  aite  iomallach  nach  ainmich 
mi  anns  a'  Gh^idhealtachd  bha  teaglilach 
a'  fuireach  air  gabhail  bhig  fhearainn  o 
chionn  iomadh  bliadhna  air  ais.  Cha  robh 
maise  no  loinn  air  an  fhearann,  no  air  an 
tigh,  no  air  an  fheadhainn  a  bha  a' 
fuireach  ann  ;  daoine  garbh,  romach,  saogh- 
alta  ;  gun  sgoil,  gun  chreideamh,  gun 
mhodh  ;  fodha  gu  ruig  na  sleisdean  ann 
an  criadh  agus  cl^bar  an  t-saoghail,  gun 
smuain  aca  air  Dia,  no  eaglais,  no  Sabaid, 
no  air  rud  air  bith  eile  ach  gamhna  dubha 
agus  caoraich  dhubh-cheannach.  Ged  bha 
na  caoraich  air  an  deanamh  ris  an  aite,  cha 
robh  iad  fhein  air  an  deanamh  ris  riamh, 
oir  cha  b'  ann  do  stoc  na  Gaidhealtachd  a 
bhuineadh  iad.  Thainig  iad  o  Mhachair 
Eilginn,  agus  fad  na  h-tiine  a  bha  iad  'nar 
measg-ne  bha  e  air  a  radii  nach  do  sheas 
aon  de  mhuinntir  an  aite  anns  an  tigh  aca 
ach  an  uair  annamh  a  bhiodh  ministear  na 
sgire  a'  tadhal  orra,  agus  a  bhiodh  an 
doctair  agus  banaltrum  na  sgire  a'  dol  a 
dh'  fhaicinn  a'  bhodaich  air  leabaidh  a  bhais. 

Bha  ceathrar  anns  an  tigh  ;  am  bodach 
(b'  e  ainm-san  a  bha  anns  an  rinteal),  a 
nighean,  an  duine  a  bha  posda  aice  agus 
sgalag  o'n  Mhachair  Ghallda  a  bha  air 
fasdadh  aca. 

Is  ann  anns  an  earrach  a  thainig  coltas 
a'  bhais  air  an  t-seann  duine  ach  cha  do 
sheas  e  fada  ris  ;  shiolaidh  e  air  falbh  ann 
an  d^  no  tri  sheachduinean.  Cha  robh 
ionghnadh  ann  oir,  ma  bha  a  thtir  aige, 
bha  e  furasda  gu  leor  dha  fhaicinn  gu  'n 
robh  iad  a'  call  am  faidhidinn  nach  robh 
e  a'  falbh,  agus  ma  bha  a  chlaisteachd  aige, 
chluinneadh  e  na  planaichean  a  bha  iad  a' 
deanamh  mu  'n  torradh  ri  taobh  a  leapa 
agus  duil  aca  leis  an  stri  a  bha  aige  ann  an 
tarruing  analach  agus  an  glug  a  bha  'n  a 
amhaich  nach  robh  a  mhothachadh  aige. 
Eadar  riu  fhein  rinn  a  nighean  agus  an 
duine  aice  (ise  'na  leth-ghlaoic  agus  'na 
luid  shlan,  agus  esan  'na  dhuine  cruaidh 
saoghalta)  time  table  suas  air  son  na  seachduin 
air  am  biodh  am  bodach  air  a  thiodhlacadh. 
'S  e  bha  'nan  inntinn  gu  'm  bu  mhaith  leo 
siol  coirce  agus  beagan  buntata  a  bha  iad  a' 
dol  a  chur  fhaotainn  anns  an  talamh  roimh 
la  an  tiodhlacaidh  los  a  bhi  deas  air  son 
breith  nan  uan  a  bha  a'  toiseachadh  a 
dh'  aon  ruith.  Bha  an  doctair  a'  faicinn 
an  t-seann  duine  mu  mheadhon-la  Di-luain  ; 
an  uair  a  sheall  e  air  agus  a  dh'  fheuch  e  a 
chuisle  agus  a  chridhe  thuirt  e  riu  nach 
maireadh  e  gu  maduinn  am  maireach,  agus 


gu  'm  bu  docha  gu  'm  biodh  e  marbh  mu  'n 
tigeadh  an  oidhche.  Thuirt  e  riu  cuideachd 
nach  tigeadh  e  air  ais  tuilleadh  ;  nach  b' 
urrainn  dha  an  corr  a  dheanamh  air  a 
shon  agus  nach  robh  aca  ach  fios  a  chur 
chuige  an  uair  a  thigeadh  a'  chrioch  air 
agus  gu  'n  tugadh  e  dhaibh  teisteanas-bais 
gun  an  tuille  dragha. 

Mar  sin  shuidhich  iad  gu  'n  cuireadh  iad 
an  coirce  Di-ciadaoin ;  an  oidhche  sin 
gu  'n  cuireadh  iad  sanas  a  bhais  a  dh' 
ionnsuidh  a'  phaipear-naidheachd,  agus 
litrichean  a  dh'  ionnsuidh  nan  cairdean  a  bu 
dliiithe  ;  air  Diardaoin  gu  'n  rachadh  fear 
an  tighe  do  'n  bhaile  a  dh'  ordachadh  na 
ciste-mhairbh  agus  na  faraire  (brioscaidean 
is  caise  is  uisge-beatha)  is  iomadh  treathlaich 
a  bhiodh  a  dhith  orra  air  1^  an  torraidh  ; 
gu  'n  cuireadh  iad  am  buntata  Di-haoine 
agus  gu  'm.  biodh  an  torradh  ann  Di-sath- 
uirne  ;  agus  gu  'm  biodh  a  h-uile  ni  deas 
Di-luain,  an  uair  a  bha  breith  nan  uan  a' 
toiseachadh. 

Deasachadh  an  tiodhlacaidh 

Air  cho  bochd  's  'g  am  bi  daoine  a  bha 
air  an  togail  anns  a'  Ghaidhealtachd  tha 
mothachadh  agus  ceanaltachd,  beusalachd 
agus  grinneas  annta  gu  nadurra  nach 
leigeadh  leo  iad  fhein  a  chur  's  an  dris  anns 
an  robh  a'  charaid  shaoghalta  ud  latha 
an  torraidh.  Bha  a  h-uile  ni  deas,  na  brios- 
caidean, an  caise,  's  an  t-uisge-beatha, 
agus  dumpling  a  bha  cho  mor  ri  ceirsle- 
shiomain,  a'  chiste-mhairbh  agus  an  leine- 
bhais, — bha  a  h-uile  ni  deas  ach  a  mh^in 
an  seann  duine  a  bha  ri  bhi  air  a  thiodh- 
lacadh ;    bha  esan  beo  fhathast. 

Gu  oidhche  Di-ardaoin  bha  an  dithis 
ud  toilichte  le  'n  gleustachd  agus  le  'n 
tapachd  fhein  mar  a  rinn  iad  suas  an  time- 
table cho  luath  los  nach  biodh  an  obair 
air  a  cumail  air  ais,  ach  an  uair  a  chunnaic 
iad  sanas  bas  an  t-seann  duine  anns  a' 
phaipear  Diardaoin,  agus  gu  'm  biodh 
an  t-adhlacadh  ann  Di-sathuirne  chaidh 
iad  'na  leithid  a  dh'  ireabais  's  gu  'n  do  chaill 
iad  an  cainnt  ach  a  mhain  an  aon  fhacal 
so,  Gu  de  ni  sinn  ?  An  aite  a  bhi  a'  faotainn 
coire  dhaibh  fein  air  son  an  stalcaireachd 
is  ann  a  bha  fearg  orra  ris  an  an  t-seann 
duine  gu  'n  robh  e  cho  mairnealach  a' 
fagail  an  t-saoghail. 

Bha  e  ro  anmoch  fios  a  chur  a  dh'  ionnsuidh 
na  feadhnach  a  bha  tighinn  o  'n  Tuath, 
no  fios  a  chur  am  farsuingeachd  air  feadh 
na  sgire,  ach  gu  fortanach  chuala  a'  chuid 
mhor  dhiubh  fathunn  nach  robh  an  duine 
fhathast  marbh,  agus  mar  sin  cha  do  nochd 
iad   an  gniiis  aig  tigh  a'   bhrdin,   agus  an 


4 


FO  CHRAOBH  SHEUDAR 


fheadhamn  a  rainig  e  cha  robh  iad  fada 
a'  sioladh  as  air  eagal  gu  'n  cluinneadh.  na 
coinihearsnaich  gu  'n  robh  iad  air  comh- 
dhail  cho  neonach,  agus  gu  'm.  biodh  iad  a' 
deanamh  dibhearsoin  uime.  Shuidh  grunnan 
de  choigrich  agus  de  Ghoill  aig  a'  bhord 
is  ghabh,  iad  am  biadh  a  bha  air  a  chur 
mu  'n  coinneamh,  ach  cha  d'  fhan  gin  de 
mhuinntir  an  aite  ris  a'  chuirm,  oir  ged 
ged  nach  mi-thoigh  leis  na  daoine  againne 
gloine  uisge-bheatha  ann  an  aite  no  cuideachd 
air  bith  a  thachras  e  orra,  agus  anns  am 
faod  iad  a  ghabhail  gu  freagarrach  agus  gu 
h-uasal,  bu  cho  maith  leotha  a  bhi  air  an 
liodairt  le  buailtean  's  gu  'n  cluinneadh 
muinntir  a'  bhaile,  agus  gu  sonraichte  bard  a' 
bhaile,  gu  'm  facas  iad  ag  itheadli  sliseagan 
dumpling  aig  cuirm-thorraidh  duine  nach 
robh  fhathast  marbh. 

An  ceum  tubaisteach 

M'  an  do  sgaoil  a'  chuideachd  thainig 
am  policemen-  a  dh'  ionnsuidh  an  doruis 
agus  6  air  son  fear-an-tighe  agus  bean-an- 
tighe  a  cheasnachadh  ;  gille  6g  gun  mhoran 
gliocais  no  tuigse  a  bha  air  son  'iighdarras 
agus  a  chumhachd  fhein  a  nochdadh.    Thug 


e  a  mach  leabhar  as  a  phoca,  is  chuir  e 
uiread  de  cheistean  miomhail  orra  's  gu  'n 
do  ghabh  am  boireannach  an  fhearg.  Thuirt 
e  riutha  gu  'm  feumadh  iad  fios  a  leigeil 
chuige-san  an  uair  a  shiubhladh  an  seann 
duine,  agus  nach  robh  maith  dhaibh  a 
thiodhlacadh  gus  an  tugadh  esan  agus  am 
Fiscal  cead  dhaibh.  Chuir  so  am  bainidh 
air  bean-an-tighe,  is  cha  robh.  ionghnadh 
ann.  Lean  i  am  maor  a  null  a  dh'  ionnsuidh 
na  bathach,  an  uair  a  bha  e  a'  falbh,  ach 
leis  an  fheirg  a  bha  oirre  cha  d'  thug  i  an 
aire  c'  aite  an  robh  i  a'  cur  a  coise  aig  bruach 
chas  a  bha  aig  ceann  na  bathach,  agus 
m'  an  deachaidh  i  'n  a  h-earalas,  thuit  i  is 
bhris  i  a  cas,  cnaimh  mor  na  sleisde. 

An  abradh  tu  gur  e  Dia  a  bhris  a  cas  a 
chionn  gu  'n  do  chuir  i  anns  a'  phaipear 
gu  'n  robh  a  h-athair  marbh  m'  an  robh  e 
marbh  idir  ?  Agus  mur  gabh  a'  choire 
a  chur  air  Dia,  an  robh  gnothuch  aig  a 
feirg  fhein  ris,  no  aig  spagluinn  is  miomhadh 
a'  pholiceman  ?  No  an  robh  ann  ach  tubaist 
a  dh'  fhaodadh  tachairt  dhi  la  air  bith  o 
chionn  bhliadhnachan  a  chionn  gu  'n  robh 
a'  bhruach  ud  air  a  fagail  gun  a  bhi  air  a 
deanamh  reidh  is  socrach  ? 


Am  Baile  aig  Calvin 

Leis  an  Urramach  Alasdair  MacGill-eathain,  M.A.,  an  Gearasdan, 


CHAN  'eil  turus  anns  an  t-saoghal  na  's 
taitniche  do  Phrostanach  na  'n  turns  a 
thig  gu  crich  anns  a'  bhaile  aig  Calvin. 
'N  uair  a  chuir  mo  bhean  agus  mi  fhein 
ar  casan  ann,  le  ceudan  eile,  fo  theas  na 
greine,  aig  meadhon  an  t-samhraidh,  sheall 
sinn  air  baile  a  bha  maiseach  'na  shuidheach- 
adh  agus  air  a  dheanamh  glan  agus  boidheach 
fo  lamhan  dhaoine.  Cha  robh  sinn  fada 
ann  gus  an  do  thuig  sinn  gu  bheil  da  bhaile 
ann — am  baile  nuadh  timchioll  air  an  loch, 
agus  am  baile  aig  Calvin  a'  seasamh  gu 
h-^rd  air  a'  chnoc  'na  mheadhoin,  le  Eaglais 
an  Naoimh  Phadruig  air  a  mhullaeh. 

Air  maduinn  na  ceud  Shabaide  chaidh 
sinn  gu  ruige  btith  nam  Biobull,  agus  dhirich 
sinn  bruthach  gu  forum  nan  Romanach. 
Gle  fhaisg  air  am  "  Bourg  de  Four  "  bha  'n 
eaglais  anns  an  robh  mi  gu  bhi  searmonachadh 
fad  mios.  An  toiseach  bha  i  air  a  togail 
air  taobh  a  steach  de  thigh — eaglais  a 
chum's  gu  'm  biodh  cothrom  aig  a'  mhuinntir 
a  bha  tinn  air  aoradh  a  dheanamh  do  Dhia. 
'Na  dheidh  sin  bha  i  'na  h-eaglais  do  luchd- 
turuis  na  Croise.  'S  ann  mar  sin  a  tha  i 
aithnichte    gus    an    latha    an    diugh    mar 


"  Chapella  des  Pelerius."  Anns  an  ionad 
naomh  so,  a  nis  air  a  chur  an  ordugh  le 
muinntir  an  Oil-thigh  aig  Geneve,  tha 
dusan  no  dha  de  dh'  Albannaich  a'  cruin- 
neachadh  a  h-uile  seachduin  chum  aoradh 
a  dheanamh  do  Dhia  a  reir  doigh  nan  aith- 
richean."  Cuide  riutha  tha  cairdean  as  gach 
duthaich  de  'n  t-saoghal  a'  moladh  Dhe. 

B'  e  fior  thogail  inntinn  a  bh'  ann  a  bhi 
coiseachd  air  na  sraidean  ceudna  air  an  do 
choisich  Iain  Calvin  agus  Iain  Knox — 
daoine  a  tha  air  an  cuimhneachadh  ann  an 
iomadh  doigh,  ach  gu  sonraicht  ann  am 
balla  mor,  fada,  air  a  bheil  eachdraidh  an 
ath-leasachaidh  air  a  dhealbhachadh  le 
urram  is  maise  fo  na  facail.  An  ddidh 
dorchadais  Solus. 

Tha  an  eaglais  anns  an  do  shearmonaich 
Iain  Calvin  agus  Iain  Knox  ann  fhathast, 
dliith  air  Mor-eaglais  an  Naoimh  Phadruig. 
Tha  aca  mar  ainm  oirre  an  "  Auditorium  " 
aig  Calvin,  ach  tha  i  a  nis  diiinte  gun  fhos- 
gladh.  Air  taobh  an  doruis  aice  tha  fiosrach- 
adh  ann  am  Fraingeis  a  tha  ri  leughadh, 
"  Iain  Knox,  Fear  an  Ath-leasachaidh 
Albannach,  ministear  de  mhuinntir  Albann 


AM  BAILE  AIG  CALVIN 


agus  duine  sar-urramach.  de  Geneve,  shear- 
monaieh  e  anns  an  eaglais  so  bho  1556  gu 
1559." 

Tha  spiorad  an  ath-leasachaidh  gu  math 
bed  ann  an  Geneve  fhathast,  agus  mar 
a  chaidh  daoine  ann  o  gach  duthaich  o 
shean  tha  iad  a'  dol  ann  air  an  latha  an 
diugh  oil'  ann  tha  iomadh  obair  Chriosduidh 
agus  eadar-dhuthchail  air  an  riaghladh. 
Tha  na  h-eaglaisean  Prostanach  a'  cumail 
ministearan  agus  luchd-sgriobhaidh  ann  chum 
cuideachadh  a  dheanamh  do  mhuinntir 
Phrostanach  na  Roinn  Eorpa,  agus  tha 
Tigh  Mor  nan  Cinneach  ann,  ag  cur  iongantais 
air  luchd-turuis  le  mh6rachd  agus  le  mhaise. 


Dh'  fhag  sinn  ann,  am  measg  gach  neach, 
cairdean  a  Albainn  a  tha  a'  seasamh  gu 
daingean  anns  na  doighean  agus  anns  a' 
chreideamh  a  dh'  ionnsuich  iad  aig  an 
tigh.  Dh'  fhag  sinn  ann  muinntir  na  Suisse 
a  tha  glan,  falain,  agus  cridheil  a  chuir 
failte  oirnn  agus  a  leig  beannachd  againn 
mar  chairdean  ann  an  Criosd. 

B'  e  fior  urram  a  bh'  ann  an  soisgeul  a 
shearmonachadh  agus  aran  na  beatha  a 
bhristeadh  anns  a'  bhaile  far  an  d'  thainig 
Solus  a  mach  a  Dorchadas  aig  am  fhosgladh 
a'  Bhiobuill.  Dh'  fhag  sinn  Geneve  coltach 
ri  Maois  a'  fagail  Horeb  ag  cur  ar  brogan 
air  ar  casan,  oir  bha  sinn  da  rireadh  a' 
fagail  aite  naomh. 


Anns  a'  Chathair 


IS  fheaird  a  h-uile  eaglais  aon  duine  laghach 
a  bhi  innte,  ged  bhiodh  e  na  b'  fhearr  dithis 
a  bhi  innte,  agus  na  b'  fhearr  air  fad  triuir. 

Chan  abrainn  gu  'n  robh  talantan  m.ora 
aig  Evander  Ross,  agus  bha  e  cho  diiiid  's 
nach  bu  lugha  na  'n  eiginn  a  bheireadh 
air  eirigh  'na  sheasamh  a  dh'  urnuigh  ann 
an  coinneamh,  ach  ma  bha  feum  air  gniom.h 
trocaireach  anns  a'  choimhthional  's  esan 
a'  cheud  fhear  aig  am  biodh  fhios  air.  Cha 
tachair  an  cothrom  a  bhi  coibhneil  is  cairdeil 
air  daoine  eile  ach  uair  annamh,  ach  bha 
an  cothrom.  a'  tachairt  air  Evander  Ross  a 
h-uile  latha  a  dh'  eireadh  e,  agus  cha  bu 
leasg  leis  dragh  a  ghabhail  as  leth  dhaoine 
nach  robh  e  fo  fhiachan  no  o  chomain 
dhaibh  air  dhoigh  air  bith.  Dh'  innseadh 
coin  an  ad  hair  dha  c'  aite  am  faigheadh  e 
cothrom.  air  ministrealachd  a'  ghraidh  a 
choimhlionadh,  agus  leis  fhein  chiun  e 
blaths  agus  cairdeas  be 6  ann  an  coimh- 
thional  araidh  fad  dheich  bliadhna  fichead. 

Duine  cruinn  ream  bar,  siiilean  gorma, 
agus  flath  'na  aodann,  bha  e  cho  sona  'na 
dhachaidh  's  nach  do  stad  e  fhein  agus  a  bhean 
riamh  de  leannanachd,  agus  m.u  dheireadh 
dh'  fhas  iad  cho  coltach  ri  cheile  'n  an 
doighean  's  gu  .'n  tuigeadh  iad  a  cheile 
gun  bhruidhinn  idir.  Le  sealltuinn  air  as  a 
leine  agus  e  'na  sheasamh  air  an  reidhlean 
shios  fo  'n  drochaid,  agus  apran  cho  geal 
ri  annart  air,  shaoileadh  tu  gur  e  marsanta- 
bidh  a  bha  ann,  ach  is  e  apran-saorsainneachd 
a  bha  air.  Bu  mhaith  leis  an  t- apran  a 
bhi  glan  agus  geal  mar  chuim.hneachan 
airsan  a  bha    e    aon  uair  air  a  bhroilleach. 

Na  'm  b'  urrainn  dhomhsa  cuim.hneachadh 
air  na  nithean  beaga  laghach  a  rinn  a' 
ch^raid  ud  a  thoirt  toileachaidh  do  dhaoine 
eile  agus  a  chur  blaths  'nan  cridhe  chumadh 


e  mi  a'  seanchas  oidhche  fhada  gheamhraidh. 
Air  uairean  tha  e  na  's  duiliche  dhuit  thu 
fhein  a  smachdachadh  no  thu  fhein  aicheadh 
ann  an  nithean  beaga  na  tha  e  ann  an  nithean 
mora,  oir  ann  an  nithean  mora  theid  agad 
air  gairm  air  a  h-uile  riin  is  smi^ain  is  faireach- 
duin  as  u  aisle  nad  chridh9  'g  ad  enuideach- 
adh.  Sin  an  t-aoonar  gu  'm  b'  fhearr  le 
mor  an  dhaoine  e  bhi  air  iarraidh  orra  dol 
do  'n  arm  na  sgur  de  'n  tombaca. 

Miss  Lavinia  Sharp 

Aon  oidhche  Nollaige  a  bha  Evander  agus 
a  bnean  suidnichte  nach  bioda  aca  ach  iad 
fhein  agus  caraid  a  thainig  a  nail  a  New 
Zealand,  a  tha  'n  an  companaich  aca  'n  an 
oige,  agus  a  bha  a'  tigh  inn  a  dh'  aon  ghnoth- 
uch  a  I  cnnainn  a  chur  seachad  oidhche 
comhla  rir,  thairig  boireannach  olc  a  bha 
laimh  riu  as  a  ceann  fhein  a  su'pear  a 
ghabhail  comhla  riu.  Bha  fhios  aca  gu  'm 
milleadh  so  an  oidhche  oir  cha  robh  innte 
ach  creutair  crosda  gamhlasach  aig  an  robh 
teanga  luath  agus  aig  nach  robh  seanchas 
eile  ach  a  bhi  gearan  air  a  coimhearsnaich, 
ach  ciod  a  bha  ri  dheanamh  ? 

Dh'  ainmich  Ceit  tri  no  ceithir  a  lethsgeulan 
a  dh'  fhaodadh  iad  a  ghabhail,  ged  nach 
robh  feum  air  lethsgeul  idir  ach  an  fhirinn, 
gu  'm  bu  mhaith  leo  na  seana  chompanaich 
a  New  Zealand  fhaotainn  gu  buileach  dhaibh 
fhein.  Ach  ged  tha  barrachd  tiiir  is  gliocais 
ann  am  boireannaich  na  tha  ann  am  fir  ann 
an  cuisean  de  'n  t-seorsa  so,''  cha  leigeadh 
Evander  leatha  am  boireannach  a  dhiultadh, 
is  ghabh  Miss  Lavinia  Sharp  a  cuid  de  'n 
choileach — Fhrangach  ann  an  cuideachd 
cho  suairce  agus  cho  cridheil  's  nach  d' 
fhuair  i  cothrom  fad  na  h-oidhche  air  dha 
no    tri    de    naidheachdan    sgainnealach    a 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR 


bha  aice  innseadh.  Ged  bha  suilean  Evander 
cho  gorm  agus  e  fhein  cho  ruiteach  reamhar. 
gheibheadh  e  aile  droch  naidheachd,  no 
rud  olc  air  bith,  cho  fada  bhuaith  's  gu  'm 
biodh  uine  aige  air  cnag  a  dheanamh  a 
chuireadh  e  amis  na  tuill  as  am  biodh  an 
droch  aile  a'  dol  a  thighinn.  Dh'  ionnsaich 
e  sin  o  'n  Fhear  o  'n  d'  ionnsaich  e  nithean 
eile  a  b'  fhearr  na  saorsainneachd,  leithidean 
Miss  Lavinia  Sharp  a  chumail  air  cluaintean 
gorma. 

Aig  deireadh  na  h-oidhche  chaidh  e 
dhachaidh  leatha,  oir  bha  reodhadh  ann, 
is  bha  an  rathad  sleamhuinn,  is  bha  eagal 
air  gu  'm  faodadh  i  tuiteam,  ach  tha  e 
coltach  nach  d'  fhuair  i  cothrom  air  cur 
sios  air  bean  a'  bhancair  no  air  an  te  a  tha 
anns  an  ath  dorus  rithe,  oir  thuirt  i  ri 
cuideigin  an  ath  latha,  "  Duine  sgitheil 
a  tha  ann  an  Evander  Ross  ;  thainig  e 
dhachaidh  leam  an  raoir  ach  an  aite  sinn 
a  bhi  bruidhinn  air  rudan  interesting  's 
ann  a  bha  e  ag  innseadh  dhomh  mu  na 
reultan,  na  h-ainmean  a  tha  orra,  agus  an 
t-astar  a  tha  iad  bhuainn,  agus  cumhachd 
is  gliocas  an  Ti  a  chruthaich  iad." 

Tha  Dia  ri  fhaicinn  anns  gach  aite  no 
oisean  de  'n  chruthachadh,  tha  e  ri  fhaicinn 
anns  a'  ghrein  agus  anns  na  rionnagan  ; 
tha  e  ri  chluinntinn  anns  a'  ghaoith,  ach 
tha  e  ri  fhaicinn  cuideachd  ann  am  faidhidinn 
dhaoine  a  tha  laghach  is  blath  'n  an  cridhe. 
An  searmon  a  b'  fhearr  a  chuala  mi  riamh 
cha  b'  e  searmon  a  bha  ann  idir  ach  an  coltas 
a  bha  air  aodann  bancharaid  dhomh  an 
uair  a  bha  i  a'  sealltuinn  air  aodann  a 
leinibh  agus  e  ann  an  uchd  'athar  'ga 
bhaisteadh.  Anns  an  aon  phlathadh  ud 
bha  barrachd  foillseachaidh  air  gaol  is 
blath s  a'  chridhe  agus  air  brigh  an  Spioraid 
Naoimh  na  chuireadh  Cleir  ann  am  mile 
searmon  no  ann  am  fichead  leabhar. 

Droch  Chuimhne 

Gle  thric  cluinnidh  tu  daoine  a'  gearan 
gu  bheil  droch  chuimhne  aca,  ach  chan  'eil 
rud  air  an  t-saoghal  as  fhearr  a  neartaicheas 
do  chuimhne  na  gradh.  B'  e  sin  an  t-aobhar 
gu  'n  robh  cuimhne  Evander  cho  maith  ; 
cho  maith  's  gu  'm  biodh  e  a'  cur  ionghnaidh 
air  daoine  eile  ciamar  a  b'  urrainn  dha 
cuimhne  a  chumail  air  oigridh  a'  choimh- 
thionail  ;  c'  aite  an  robh  iad  ag  obair  ; 
ciod  a  bha  iad  a'  deanamh  ;  agus  c'  uin  a 
bhiodh  iad  a'  falbh  's  a'  tighinn  air  laithean- 
feille.  Tha  e  fior  gu  'n  robh  iad  uile  aige 
anns  an  sgoil  Shabaid,  ach  cha  bu  trie  leis 
'eolas  a  chall  orra  an  deidh  dhaibh  an  sgoil 


Shabaid  fhagail,  agus  ma  chluinneadh  e 
gu  'n  robh  balach  no  caileag  a'  f^gail  an 
dachaidh  a  dhol  a  dh'  obair  do  'n  bhaile- 
nihor  bhiodh  e  anns  an  tigh  aca  mu  'm 
falbhadh  iad  cho  cinnteach  ris  a'  ghrein 
agus  cuimhneachan  beag  air  choreigin  aige 
air  an  son. 

Bha  balach  anns  a'  choimhthional  a 
fhuair  tri  m.iosan  priosain.  Dh'  fhaodadh 
cuid  d'a  dhaimhich  fhein  a  bhi  roimhe 
aig  dorus  a'  phriosain  an  uair  a  thainig 
e  a  mach  air  maduinn  fhuar  earraich,  ach 
cha  robh  duine  a  bhuineadh  dha  ann.  Ach 
bha  Evander  Ross  ann  aig  ochd  uairean  'sa 
mhaduinn,  agus  e  air  an  oidhche  a  chur 
seachad  ann  an  osd-thigh  beag  a  chionn 
gu  'n  robh  eagal  air  nach  biodh  e  trath  gu 
leor  le  train  na  maidne,  oir  bha  e  suidhichte 
air  a'  bhalach  a  choinneachadh,  agus  a 
bhraiceas  a  thoirt  dha,  agus  a  thoirt  leis 
dhachaidh  air  eagal  gu  'n  tachradh  droch 
chompanaich    air. 

Eadar  an  da  chogadli,  an  uair  a  thoisich 
na  h-eaglaisean  air  fas  tana  anns  an  fheasgar, 
bhiodh  e  'na  sheasamh  aig  an  dorus  a  h-uile 
feasgar  a'  deanamh  beatha  na  feadhnach 
a  thainig  a  m.ach  an  dara  uair,  agus  aoibh 
air  aodann  m:ar  gu  'n  do  chuir  iad  comain 
mhor  air  fhein.  Bhiodh  e  a'  feuchainn  ri 
thoirt  air  a'  bheadall  seoltachd  bheag  a 
chleachdadh ,  agus  an  coimhthional  a  chumail 
gun  bhi  dol  air  an  lobhtaidh,  no  do  na  h- 
oiseanan,  no  do  na  suidheachain  chuil,  a 
chionn  gu  'n  amhairceadh  iad  moran  na  bu 
lionmhoire  na  'n  robh  iad  air  an  sgaoileadh 
air  beulaibh  na  cubaid  agus  ann  am  meadhon 
na  h-eaglais.  Tharruing  e  dealbh  air  paipear 
a  dhearbhadh  so  do  'n  bheadall,  ach  dh' 
fheumadh  e  eirigh  gu  m.aith  trath  a  chuireadh 
beadall  as  a  bheachd  fhein. 

Sud  na  nithean  beaga  laghach  a  bhiodh 
Evander  Ross  a'  deanamh  anns  a'  choimh- 
thional agus  anns  an  sgir  anns  an  robh 
gaol  againn  uile  air,  agus  bhiodh  e  'gan 
deanamh  a  chionn  nach  b'  aithne  dha  doigh 
eile  anns  an  urrainn  Criosduidh  a  chrios- 
dalachd  a  nochdadh  ach  le  teine  bl^th  a' 
ghraidh. 


B'  aithne  do  'n  Abstol  Eoin  Evander 
Ross  gu  maith  ach  fo  ainm  eile.  'S  e  Gaius 
a  bha  air  anns  a'  cheud  linn,  Gaius  gradhach 
as  ionmhuinn  leam  'san  fhirinn.  Co  nach 
biodh  toilichte  leithid  Ghaiuis  a  bhi  'na 
chomh-oibriche  maille  ri  Eoin  ?  Dh'  fhagadh 
tu  Diotrephes  aig  Pol;  chumadh  Pol  e  'n 
a  aite  fhein. 


Aig  an  Uinneig 


Comunn  Gaidhealach  na  h-eaglais 

FO  riaghladh  an  Urramaich  Ruairidh  Mac- 
a-Ghobhainn,  M.A.,  tha  obair  a'  Chomuinn 
so  a'  dol  air  aghaidh  gu  samhach  ach  gun 
sgur,  gun  dad  cearr  air  ach,  nach  urrainn 
iad  uiread  's  a  bu  mhaith  leo  a  ghabhail 
as  laimh  a  chionn  nach  'eil  gu  leor  a  dh' 
airgiod  aca.  ,  Cha  chumar  teine  beo  gun 
chonnadh,  agus  cha  mho  a  ghabhas  obair 
deanamh  gun  airgiod,  ach  tha  an  eaglais 
a'  cumail  a'  Chomuinn  so  daonnan  teann  a 
thaobh  airgid.  Cha  chuimhne  leam  e  bhi 
riamh  gun  fiachan  air,  agus  aig  toiseach 
na  bliadhna  so  is  maith  an  gnothuch  mur  bi 
e  corr  agus  ceithir  mile  goirid.  Tha  an 
obair  a  tha  e  a'  deanamh  feumail,  agus 
mar  sin  bu  choir  do  choimhthionalan  na 
h-eaglais  a  bhi  na  's  fialaidhe  ris  na  tha 
iad,  a'  toiseachadh  anns  a'  Ghaidhealtachd 
fhein. 

Cha  robh  cuid  mhaith  de  thighean- 
mhissionaraidhean  agus  de  thighean-coinnimh 
anns  na  h-Eileanan  maith  riamh,  is  tha 
iad  duilich  is  cosdail  an  cumail  suas.  Ann 
an  1938  chaidh  fear-ceairde  thairis  orra 
uile,  a  dh'  fhaicinn  ciod  a  bha  dhith  orra, 
is  bha  iad  air  an  cur  ann  an  ordugh  reusonta, 
ach  tha  e  a'  dol  thairis  orra  am  bliadhna  a 
rithist.  .  Na  'n  robh  gaoth  is  uisge  nan 
Eileanan  an  lar  a'  seideadh  air  aodann  na 
Sphinx  is  fhada  o  nach  robh  an  Sphinx  ann. 

Tha  mi  a'  faicinn  gu  bheil  am  Baird 
Trust  a'  cuideachadh  obair  a'  Chomuinn 
a  nis  le  tabhartas  fialaidh.  Is  e  an  fhior 
Ghaidhlig  air  a'  Bhaird  Trust,  Bo  GJiallda 
na   h-eaglais. 

Cha  robh  caraid  riamh  aig  missionaraidhean 
Gaidhealach  a  b'  fhearr  na  'n  t-Ollamh 
Ruairidh  MacLeoid.  Tha  suim  airgid  aige 
an  ciil  a  chinn  no  air  chul  a  laimhe  ris  am 
faod  e  a  thoil  fhein  a  dheanamh  gun  chead 
duine  eile  iarraidh,  is  tha  e  a'  cur  a  thaobh 
da  mhile  dheth  sin  a  choinneachadh  na 
cosduis  air  tighean-mhissionaraidhean.  Tha 
an  Comunn  gu  mor  'na  chomain. 

Tha  e  a'  cosd  mile  not  's  a'  bhliadhna  a 
bhi  giulan  mhinistearan  is  mhissionaries 
gu  tighean-aoraidh  ann  an  aitean  iomallach. 

Chan  'eil  seorsa  dhaoine  anns  an  eaglais 
as  fhearr  an  airidh  air  misneach  agus 
cuideachadh  a  thoirt  dhaibh  agus  tighean 
grinn  is  seasgar  na  na  missionaraidhean  a 
tha  againn  anns  a'  Ghaidhealtachd. 

Feallsanachd  agus  mealltaireachd  dhiomhain 
E61as  d'  an  toirear  gu  breugach  an  t-ainm  sin 

A  bheil  fhios  agad,  a  leughadair,  ciod  a 


tha  na  facail  mhora  so  a'  ciallachadh  ; 
psychopathology  ;  psychiatrist  ;  psychosis  ; 
cyclothymes  ;  schizophrenics  ;  obsessional  ; 
psychopatho  ;  phrontistery  ;  sado-masoch- 
ism ?  Mur  bheil  faodaidh  tu  a  bhi  coma,  oir 
an  aite  eolas  no  gliocas  a  thoirt  dhuit  nach 
'eil  agad  cheana  co  aige  a  tha  fhios  nach 
ann  a  bheireadh  e  ort  a  chreidsinn  gur  tusa 
an  aon  duine  'n  ar  measg  a  tha  aig  do  rian 
agus  gu  bheil  a'  chuid  eile  dhinn  as  ar  ciall. 

'Sea  thug  orm  tarruing  a  thoirt  air  an 
t-seanchas  so  gu  bheil  peasan  de  dhochtair 
ann  an  Lunnainn  a'  cumail  a  mach  gu  'n 
robh  cuthach  ann  an  eanchainn  nan  sgriobh- 
adairean  ainmeil  so,  agus  gur  e  na  bha  annta 
de  'n  chuthach  a  rinn  cuid  dhiubh  cho  maith 
air  sgriobhadh  ;  Blake,  Bos  well,  Bunyan, 
Burns,  Byron,  Chatterton,  Clare,  Coleridge, 
Collins,  Cowper,  Crabbe,  De  Quincey,  Dickens 
Donne,  Gray,  Johnson,  Lamb,  Rossetti, 
Ruskin,  Shelley,  Smart,  Swift,  Swinburne, 
Tennyson.  Tha  cuid  ag  radh  nach  e  mhain 
gu  'n  robh  neonachas  annta  agus  leum  is 
mi-steidheileachd  'n  an  inntinn  ach  gu  'n 
gabhadh  a'  chuid  mh6r  dhiubh  a  bhi  air 
an  cur  a  stigh  na  'n  d'  iarr  an  cairdean 
teisteanas  o  dhoctair  gu  'n  robh  cuthach 
'n  an  ceann. 

Ach  cha  b'  aithne  do  na  seann  doctairean 
na  facail  iira  a  tha  doctairean  agus  psych- 
ologists air  ionnsachadh  an  diugh,  agus 
cha  robh  facal  aca  a  chuireadh  iad  air 
teisteanas- cuthaich  a  thoirt  an  saorsa  o'n 
011am.h  Maclain  no  o  Iain  Bunyan,  no  o 
Bhurns,  no  o'n  chuid  mhor  de  chach.  Ma's 
e  so  an  t-eolas  no  an  sgoilearachd  ur,  mar 
is  luaithe  a  tha  an  t-ainm  ceart  air  a  thoirt 
orra  is  ann  as  fhearr,  an  amhlaireachd  ur. 
Duine  air  bith  a  ghabhadh  air  fhein  a  radh 
gu  'n  robh  cuthach  ann  an  eanchainn  an 
Ollaimh  Mhiclain  a  chionn  nach  robh  e 
coltach  ri  daoine  eile,  no  a  chionn  gu  'n 
do  sheas  e  ceann -rtiisgte  air  an  t-sraid 
uair  an  uaireadair  agus  an  dile  uisge  ann, 
'ga  pheanasachadh  fhein  a  chionn  gu  'n 
robh  e  eas-umhail  d'  a  athair  'n'  a  bhalach, 
no  a  chionn  gu  'n  robh  boinne  de  'n  leisg 
agus  de  'n  leann-dubh  ann,  agus  gu  'n  robh 
eagal  air  roimh  'n  bh4s, — sin  duine  nach 
'eil  cho  glic  's  a  tha  e  fhein  an  diiil,  agus  a 
dh'  aindeoin  nam  facal  mhora  a  tha  aige 
leis  am  bi  e  a'  cluich  mar  gu  'in  biodh  thu  a' 
cluich  le  gillean  air  dambrod,  aig  nach  'eil 
eolas  no  tuigse  dhomhain  air  inntinn  is 
cridhe  is  nadur  mhic  an  duine. 

Do  dhuine  anns  a  bheil  tur  agus  aig  a 
bheil  meas  air  an  toradh  throm  a  th&inig 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


a  eanchainn  Bhunyan  agus  Bhurns  agus 
Mhiclain  tha  e  mar  bhuille  anns  an  aodann 
a  bhi  cluinntinn  peasan  air  bith  ag  radh 
umpa  gu  'n  robh  meur  de  'n  chuthach  annta. 
Chan  ainm  do  'n  cbuthach  ach  an  cuthach 
fhein,  ach  co  aige  tha  fhios  ciod  is  ciall  do 
cyclothymia    no    do    sado-masochism  ? 

A'  Bhanrigh  Victoria 

Bhiodh  feadhainn  anns  an  .  Eaglais 
Shasunnaich  aig  an  robh  fhios  air  a'  ghaol 
a  bha  aig  an  t-seann  bhanrigh  air  an  aoradh 
shimplidh  a  tha  aca  ann  an  Eaglais  na 
h-Alba  ann  am  Baile-mhoireil  ag  radh  gu 
taireil  nach  b'  fhearr  i  dad  na  Prostanach  no 
Bana-Chleireach. 

Cha  bu  toigh  leatha  idir  na  doighean 
ura  a  bha  air  an  toirt  a  stigh  anns  an  Eaglais 
Shasunnaich  le  ministearan  oga  a  bha 
air  son  a  bhi  cho  coltach  's  a  b'  urrainn 
dhaibh  ri  Eaglais  na  Roimhe,  is  bhiodh 
i  ag  radh  ri  cuid  de  Chinn  na  h-Eaglais 
nach  robh  an  Eaglais  Shasunnach  ath- 
leasaichte  gu  leor  o  thoiseach. 

B'  e  an  t-seirbhis  a  b'  fhearr  leatha  ann 
an  Eaglais  na  h-Alba  seirbhis  a'  Chomanach- 
aidh,  agus  o'  n  cheud  latha  a  ghabh  i 
comanachadh  am  Baile-mhoireil  cha  robh 
dad  ach  an  eiginn  a  chumadh  i  o  Bhord 
an  Tighearna.  Bha  an  eaglais  fortanach 
anns  na  ministearan  urramach  a  bhiodh 
a'  dol  do  Bhaile-mhoireil,  daoine  glic  is 
tuigseach  mar  bha  Tormod  MacLeoid  is 
Seumas^  MacGriogair,  is  Seumas  Camshron 
Lees,  ministearan  a  bha  earbsa  aice  'nan 
gliocas  agus  .  'nan  spioradalachd,  agus  o'n 
iarradh  i  agus  o'n  gabhadh  i  comhairle. 
Tha  na  litrichean  a  sgriobh  i  gu  Tormod 
MacLeoid  a'  loigeil  fhaicinn  am  meas  mor  a 
bha  aice  air  agus  an  cudthrom  a  bha  i  a' 
cur  air  fhacal.  Tha  mi  an  diiil  gu  'n  d' 
fhuair  e  na  bu  dliiithe  d'  a  cridhe  na  fhuair 
ministear  eile  riamh.  Cha  bu  mhisd  an 
eaglais  a'  bhaigh  a  bha  aig  a'  Bhanrigh 
rithe,  oir  uair  no  dha  sheas  i  air  a  taobh  gu 
laidir  an  uair  a  bha  a  naimhdean  ag  eirigh 
'na  h-aghaidh.  Ann  an  November  1866 
sgriobh  i  mar  so  gu  Deadhan  Windsor, 

.  "  An  uair  a  thainig  mi  a  dh'  ionnsuidh 
a'  Chruin  ghabh  mi  orm  fhein  bold 
sholuimte  Eaglais  na  h-Alba  a  chumail 
suas,  agus  mar  sin  tha  e  an  aghaidh  an 
lagha  a  bhi  feuchainn  ri  a  tilgeadh  sios. 
Gun  cheisd  tha  Eaglais  na  h-Alba  Pros- 
tanach, agus  mar  sin  anabarrach  fiachail 
agus  feumail  anns  an  dtithaich.  Cha 
robh  an  t-Ath-leasachadh  air  a  chrioch- 
nachadh  gu  ceart  anns  an  diithaich  so  ; 
na  'n  robh,  cha  bhiodh  na  h-uilc  agus  na 


fasain  ura  agus  ehunnartach  a  tha  a' 
tolladh  a  steach  anns  an  Eaglais  Shasun- 
naich a  nis  a'  bagairt  oirnn,  cunnartan 
Sho  mor  's  gu  bheil  e  soilleir  dhomhsa 
gu  'm  feumar  cothachadh  'nan  aghaidh. 

Chan  urrainn  mi  innseadh  cho  laidir 
agus  cho  suidhichte  's  a  tha  e  'n  am 
tnntinn  gu  bheil  e  mar  dhleasdanas  orm 
fhein  agus  air  m.o  theaghlach  prionnspalan 
agus  spiorad  a'  Chreidimh  Phrostanaich  a 
chumail  suas,  oir  is  e  sin  an  fhior  aobhar 
gu  'n  robh  sinn  air  ar  toirt  do  'n  dxithaich 
so  idir.  Mar  sin  cha  toir  mi  gniiis  do  na 
daoine  a  tha  'gan  deanamh,  no  do  na 
h-oidhiipean  a  tha  iad  a'  deanamh  air 
creid  amh  Prostanach  is  simplidh  Eaglais 
na  h-Alba  atharrachadh ,  agus  air  an 
Eaglais  Shasunnach  a  thoirt  cho  dliith 
's  is  urrainn  dhaibh  ris  an  Eaglais 
Phapanaich." 

Dia  a'  labhairt 

Bho  chionn  ghoirid  thug  caraid  coir 
dhomh  leabhar  beag  boidheach  leis  an 
tiodal  so,  "  Dia  a'  labhairt."  Bha  e  air 
ullachadh  air  son  a'  chlodh  le  A.  J.  Russell 
ach  bha  e  air  a  sgriobhadh  le  da  bhoireannach 
a  rinn  an  riaghailt  dhaibh  fhein  gu  'n  cuireadh 
iad  seachad  uine  shonruichte  a  h-uile  latha, 
"  ag  eisdeachd  ri  Dia."  Chan  ann  as  an 
ceann  fhein  a  thug  iad  a'  chomhairle  ghlic 
sin  ach  as  a'  Bhiobull,  Tobar  a'  ghliocais. 
"  An  ti  aig  a  bheil  cluas  eisdeadh  e  ciod  a 
tha  an  Spiorad  ag  radh  ris  na  h-eaglaisean." 

Tha  an  dithis  bhan  so  a'  tagradh  anns 
an  leabhar  so  gu  'n  robh  am  fiosrachadh 
spioradail  agus  na  h-earailean  diadhaidh  a 
chuir  iad  sios  ann  air  an  toirt  dhaibh  le 
Criosd,  an  Slanuighear  a  tha  beo  gu  siorruidh. 
Cha  d'  thug  Dia  air  falbh  an  Spiorad  Naomh 
o  chreidmbich  ;  tha  e  a'  labhairt  riutha 
fhathast,  agus  a'  labhairt  tromhpa.  Ann 
an  labhairt  no  ann  an  sgriobhadh  air  bith 
tha  e  duilich  a  radh  ciod  a  bhuineas  do  'n 
Spiorad,  no  ciod  a  bhuineas  do  thuigse 
nadurra  an  duine  ;  oir  chan  'eil  crioch 
oatorra,  ach  co  dhiubh  tha  an  leabhar 
beag  ciabhraidh  so  'gad  thoirt  a  steach  a 
dh'  ionad  samhach  is  foisneachail  far  an 
cluinn  thu  Dia  a'  labhairt.  Tha  e  grinn 
agus  cuimir  ri  laimhseachadh  ;  freagarrach 
air  a  bhi  air  a  chumail  aig  taobh  do  leapa, 
gus  suil  a  thoirt  air  moch  is  anmoch,  is 
chan  'eil  e  a'  cosd  ach  sia  is  sia  sgillinn. 
Air  a  chura  mach  le  Arthur  James,  Evesham. 
Worcs. 

Cuir  an  smuain  a  mach  as  do  chridhe 
.  gu  bheil  e  cniaidh  le  Dia  do  chupan  a 
lidhadh   le   aoihhneas. 


Aireamh  3 


1950 


Mar  na  leanaban 


THA  mi  cinnteach  gu  'n  do  sgriobh  no 
gu  'n  do  labhair  mi  dusan  searmon  mu 
na  briathran  a  labhair  Criosd  mu  na  leanaban, 
ach  chan  'eil  mi  cinnteach  fhathast  gu 
bheil  mi  a'  tuigsinn  gu  ceart  ciod  a  tha  iad  a' 
ciallachadh,  "  Leigibh  do  na  leanaban  teachd 
a  'm  ionnsuidh ;  na  bacaibh  iad,  oir  is 
ann  de  'n  lethidean  sin  a  tha  rioghachd 
Dhe.  Co  air  bith  nach  gabh  rioghachd 
Dhe  mar  leanabh,  cha  teid  e  air  chor  air 
bith  a  steach  innte."  "  Gu  deimhin  tha 
mi  ag  radh  ruibh,  Mur  iompaichear  sibh, 
agus  mur  bi  sibh  mar  leanaban,  cha  teid 
sibh  air  chor  air  bith  a  steach  do  rioghachd 
neimh." 

Theid  againn  air  ciall.  dhuinn  fhein  a 
thoirt  asda  no  chur  annta ;  brigh  air  a 
bheil  coltas  na  f  irinn  agus  na  ceille,  ach  an  e 
sin  a  bha  esan  a'  ciallachadh  ? 

Tha  milghadh  mor  eadar  cridhe  agus 
doighean  leinibh  agus  cridhe  agus  doighean 
duine  a  thainig  gu  aois ;  ciamar  a  dh' 
fheumas  e  bhi  air  atharrachadh  m'  am  fas 
e  mar  leanabh  anns  an  doigh  a  bha  Criosd 
a'  ciallachadh. 

Their  aon  duine  gu  bheil  leanaban  neoch- 
iontach  is  neo-lochdach ;  duine  eUe  gu 
bheil  iad  iriosal  agus  gun  uabhar  na  beatha 
annta  ;  gu  bheil  iad  gaolach  agus  earbsach  ; 
gun  fuath,  gun  ghamhlas,  gun  droch  rtiintean 
'nan  cridhe  ;  their  iad  gur  e  sin  an  seorsa 
dhaoine  a  dh'  fheumas  a  bhi  ann  an  deiscio- 
buil  Chriosd  ma  bu  mhaith  leo  dol  a  steach 
do  rioghachd  Dhe. 

Tha  so  uile  fior  ann  an  tomhas,  ach  air 
uairean  bithidh  e  a'  tighinn  'n  am  inntinn 
nach  ann  air  buadhan  maith  agus  moralta 
de  'n  t-seorsa  so  a  bha  Criosd  a'  smuaineach- 
adh  idir,  ach  air  -an  t-saorsa  iomlan  a  tha 
aig  leanaban  o  eagal  agus  ro-churam  'n 
am  beatha.  Ann  an  dachaidh  mhaith  far  a 
bheil  leanabh  air  a  chuartachadh  le  gaol 
is  blaths,  abair  eadar  sia  agus  dusan  bhadhna, 
duisgidh  e  anns  a'  mhaduinn  an  deidh 
cadal  na  h-oidhche  gun  churam  gun  eagal 
gun  iomguin.  Cha  ruig  e  leas  smuaineachadh 
air  biadh  no  aodach,  no  cia  as  a  thig  iad  ; 
tha  iad  air  an  ullachadh  dha  le  gradh  a 
pharantan  gun  dragh  air  bith  dhasan,  agus 
is  e  a  chuid-san  a  mhain  an  gabhail  gu 
toileach  agus  a  bhi  taingeil  air  an  son  d'  a 


pharantan  o  'n  d'  fhuair  e  iad.  Tha  speur  a 
bheatha  gorm  is  glan  is  soilleir,  gun  sgail 
gun  neul  gun  aobhar  eagail ;  chan  'eil 
eagal  air  mar  a  tha  air  na  h-aosda  gu  'n 
caill  e  a  shlainte,  no  gu  'n  caill  e  'aite  no 
a  bbeoshlaint,  no  gu  'm  fas  e  scan,  no  gu  'm 
faigh  e  bas.  Chan  'eil  mothachadh  aige  gu 
bheil  tim  a'  dol  seachad,  no  gu  bheil  obair 
gun  deanamh  ;  chan  'eil  dad  a  dhith  air 
no  air  iarraidh  air  ach  solas  is  sonas  a 
dheoghal  as  a  h-uile  mionaid,  agus  an  uair 
a  thig  an  oidhche  tuiteam  'na  chadal  cho 
seimh  ris  na  h-ainglean. 

A  thuilleadh  air  sin  tha  f hios  aige  "  gu 
bheil  a  bheatha  ann  an  glaic  Graidh  anns 
am  faod  e  Ian  earbsa  a  chur  ;  m'  an  tig 
an  t-acras  a'r  tha  a  bhiadb  uUaichte  air  a 
shon  ; ,  tha  inntinn  a  mhathar  Ian  ciiraim. 
los  nach  bi  ciiram.  idir  'na  inntinn-san. 
Fad  finn  foinneach  an  latha  faodaidh  e  a  bbi 
mireag  air  an  reidhlean  ghorm  ri  chridhe 
fhein,  ris  an  dealain-de  agus  ris  na  h-eoin 
gun  chiiram.,  gun  eagal,  gun  fharmad 
gun  a  choguis  'ga  bhioradh  no  peacadh  a 
cur  aithreachais  air. 

An  e  so  dealbh  nam  paisdean  a  bha  ann 
an  inntinn  Chriosd,  agus  ma's  e,  an  robh 
e  a'  creidsinn  gu  'n  teid  againn  le  creideamh 
iomlan  agus  earbsa  ann  an  Dia  (an  creideamh 
a  dh'  atharraicheas  na  beanntan  as  an  aite) 
air  saoghal  iir  a  dheanamh  dhuinn  fhein 
coltach  ri  saoghal  an  leinibh  ?  An  sin  rachadh 
againn  air  gach  fuath  is  sannt  is  eagal  is 
ro-churam  a  tha  a'  puinnseanachadh  ar 
n-anama  a  spionadh  as  agus  a  sgrios  le 
cumhachd  as  airde,  agus  laithean  sona  a 
chur  seachad  ann  an  saoghal  maiseacb  far 
am  bitheamaid  mar  na  h-ainglean  air 
neamh. 

Ann  an  iomadh  doigh  tha  cridhe  is  inntinn 
an  leinibh  agus  cridhe  is  inntinn  an-  duine 
cho  fada  bho  cheile  's  a  tha  siar  agus  sear, 
ach  na  'n  robh  e  comasacJi  dhuinn  inntinn 
is  cridhe  an  leinibh  fhaotainn  air  ais,  chan 
ann  a'  cromadh  a  bhitheamaid  ach  ag 
eirigh,  is  gheibheamaid  plathadh  de  Riogh- 
achd Dhe  a  tha  cho  foluichte  o  ar  stiilean  's 
nach  'eil  sinn  a'  creidsinn  gu  bheil  i  idir  ann. 

Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  boidhche 
na  'n  earbsa  nadurra  a  tha  aig  leanabh 
'na  athair  agus  'na  mhathair,  agus  tha  mi 


MAR    NA   LEANABAN 


an  dull  nach  e  rud  air  bith  eile  (chan  e  an 
ionracas  no  an  neochiontas  no  an  irioslachd, 
no  an  gradhalachd,  no  gii  bheil  iad  gun  gho) 
a  thug  air  Criosd  an  gabhail  mar  shamhladh 
air  a'  ghne  dhaoine  a  theid  a  steach  do 
rioghachd  Dhe  ach  so. 

Ann  an  cuid  de  chanainean  tha  am  facal 
"  athair  "  a'  gabhail  a  steach,  "  mathair," 
agus  a  thaobh  's  gu  bheil  cridhe  mathar  na  's 
blaithe  na  cridhe  athar  tha  cumhachd  an 
fhacail  air  a  dhiiblachadh.  Nach  bu  ghasda 
dhuinn  a  bhi  a'  toiseachadh  air  tirnuigh 
le  aon  fhacal  a  ghabhadh  a  stigh  an  da 
chuid  ainm  agus  dealbh  ar  n-athar  agus  ar 
mathar.  An  uair  a  smuainicheas  tu  air 
leanaban  no  air  cloinn  tha  fhios  agad  gur 
beag  a  dh'  inntinn  am  parantan  a  tha  iad  a' 
tuigsinn,  ach  aon  ni  tha  greim  aca  air  le  'n 
da  laimh,  tha  iad  a'  creidsinn  gu  bheil  am 
parantan  glic  agus  gu  'm  faod  iad  earbsa  a 
chur  annta. 

Co  a  rannsaicheas  Dia,  no  chuireas  slat- 
thomhais  ri  ghliocas,  no  ri  ghradh,  no  ri 
churam  agus  a  fhreasdal-graidli  d'  a  chloinn  ? 
Ach  is  ann  leis  an  ainm  "  athair  "  a  dh' 
fhoillsich  Criosd  e,  agus  a  chionn  's  gu  bheil 
fhacal-san  agus  fhoillseachadh-san  os  cionn 
facal  gach  neach  eile  a  labhair  riamh  mu 
Dhia,  foluich  an  t-ainm  athair  ann  ad 
chridhe,  agus  gleidh  ann  e  gun  sgur,  'M' 
athair,  ni  athair,  m  athair,  ag  radh  riut 
fhein  an  uair  a  dhuisgeas  tu  anns  a'  mhaduinn, 
agus  a'  leantuinn  air  a  radh  riut  fhein  fad 
an  latha,  "  Tha  m'  athair  air  an  stiiiir  ; 
tha  ailm  a'  chruinne-ce  'n  a  asgaill ;    ma'  s 


aithne    do    pheacaich     tiodhlaca    maith  a 

thoirt   d'    an   cloinn,    nach   mo   gu   mor  a 

bheir  m'  athair  dhomhsa  na  nithean  air  a 
bheil  feum  agam." 


Chan  'eil  ann  an  samhladh  ach  sam.hladh 
fhein,  agus  ged  a  labhair  Criosd  mar  nach 
do  labhair  neach  eile  riamh  cha  b'  urrainn 
dha  gach  ceum  anns  a'  bheatha  dhiadhaidh 
no  ann  an  turns  a'  Chriosdaidh  a  dheanamh 
soilleir  le  aon  samhladh  no  le  mile  samhladh. 
Is  e  an  fhirinn  nach  dean  dad  eile  a'  bheatha 
a  tha  facal  Dhe  agus  an  Spiorad  Naomh 
a'  diisgadh  ann  ad  anam  soilleir  dhuit  ach 
t'  fhiosrachadh  fhein.  Tha  am  fiosrachadh 
sin  'na  dhiomhaireachd  eadar  Dia  agus 
t'  anam,  agus  chan  'eil  ann  an  cainnt  no  ann 
an  samhladh  ach  inneal  mhaol  no  oidhirp 
anfhann  air  an  fhiosrachadh  sin  innseadh 
do  dhaoine  eile.  An  uair  a  tha  cainnt  no 
samhladh  u.r  agus  teth  agus  ruithteach,  mar 
gu  'm  biodh  luaidhe  air  ghoil,  theid  agad 
air  dealbh  is  cumadh  a  thoirt  dhaibh  mar 
do  mhiann,  agus  an  cur  gu  feum  mar  bhall- 
acfhuinn,  ach  an  uair  a  dh'  fhuaraicheas  an 
luaidJi,-  agus  a  dh'  fhasas  a'  chainnt  agus 
na  samhlaidhean  sean  agus  cho  cruaidh  ri 
cement  is  ann  a  bhios  iad  a'  foluch  na  firinn 
oirnn  an  aite  a  bhi  'ga  foillseachadh. 

Tha  uile  bheannachdan  na  beatha  dhiadh- 
aidh a'  sruthadh  o  chreideamh  ;  an  seorsa 
creideamh  a  tha  aig  paisde  'n  a  athair  agus 
'n  a  miathair  ;  'n  an  gaol,  'n  an  neart,  'n 
an  gliocas. 


Anns  a'  Chathair 


THA  iomadh  rud  nach  bu  mhaith  leam  a 
dhiteadh  ann  an  duine  eile  nach  ceadaichinn 
dhomh  fhein  ;  cha  do  rinn  mi  riamh  m' 
iirnuigh-mhaidne  no  m'  tirnuigh-oidhche 
anns  an  leabaidh  na  'm  b'  urrainn  dhomh 
idir  eirigh.  Ach  air  a  shon  sin  tha  fhios 
ag^m  gu  'm  bi  daoine  as  fhearr  na  mise 
'ga  dheanamh,  agus  gu  bheil  an  Salmadair 
ag  radh  "  Labhraibh  'nur  cridhe  air  bhur 
leabaidh  agus  bithibh  tosdach,"  agus  ciod 
a  tha  sin  a'  ciallachadh  ach  a  bhi  ag  iirnuigh  ? 
Chan  abrainn  gu  bheil  e  cearr  do  dhuine 
'tirnuigh  a  dheanamh  anns  an  leabaidh 
gu  blath  agus  gu  comhfhurtachail  air 
oidhche  fhuar,  ach  tha  e  cho  furasda  urram 
agus  modhanna  diadhaidh  a  chall,  agus 
leisg  agus  ro-churam  mu  'n  chorp  agus  mu 
chorahfhurtachd  na  feola  ionnsachadh  's 
gu  'm  bu  choir  dhuinn  gach  fasan  a  sheach- 
nadh  a  dh'  fhaodadh  faireachduinnean  • 
diadhaidh  a  lagachadh  'n  ar  cridhe. 


Naomh,  Naomh,  Naomh,  tha  an  Tighearna 
ar  Dia 

Cha  bu  toigh  leam  riamh  ministear  no 
maighstir-sgoil  fhaicinn  a'  suidhe  aims  a' 
chilbaid  no  ann  an  cathair,  no  a'  cur  lamh 
'n  am  poca,  no  a'  cur  piob  no  cigarette 
'n  am  beul  gus  am  bi  obair  an  latha  seachad, 
no  na  b'  fhearr  air  fad,  gus  an  deicheamh 
la  fichead  de  Februari.  A  mhic  an  duine 
seas  air  do  chasan,  agus  labhraidh  mise  riut. 
Seas  air  do  chasan,  no  mar  their  iad  anns 
an  arm,  "  Attention  "  ;  ann  an  lathair  an 
Tighearn  chan  ann  'n  a  shineadh  no  'n  a 
shuidhe  gu  leasg,  slaodach,  neo-shuimeil, 
a  thig  facal  an  Tighearna  gu  duine  ;  feumaidh 
e  a  bhi  'n  a  sheasamh  agus  'n  a  dhusgadh, 
a'  feitheamh  air  Dia,  agus  ag  radh,  "  Labhair, 
a  Thighearna,  oir  tha  do  sheirbhiseach  ag 
eisdeachd." 

Ach  ged  nach  deachaidh  mi  riamh  eadar 
na   plaideachan   a    dheanamh   m'    urnuigh- 


ANNS  A'  CHATHAIR 


oidhche  an  aite  dol  air  mo  ghluinean  ri 
taobh  na  leapa,  's  iomadh  searmon  a  sgriobh 
mi  anns  an  leabaidh,  trath  's  a'  mhaduinn, 
m'  an  robh  an  corr  de  chuideachd  an  tiglie 
air  an  eois.  Ach  cha  robh  sin  a'  toirt  oilbheum 
do  m'  choguis,  oir  tha  miighadh  mor  eadar 
a  bhi  a'  labhairt  ri  Dia  agus  a  bhi  ag  ullachadh 
ni-eigin  a  tha  thu  a'  dol  a  radh  ri  coimh- 
thional.  Aig  am  feabhas  cha  robh  anns  an 
sgriobhadh  de  gach  seorsa  a  bhithinn  a' 
deanamh  anns  an  leabaidh  ach  bi^il  fhann 
mar  gu  'm  biodh  Inch  a'  casdaich,  ach  cha 
robh  mi  riarah  trom  air  a'  chadal  agus  anns 
a'  gheamhradh  fhein  bhithinn  a'  lasadh 
an  t-soluis  agus  a'  toiseachadh  air  m'  obair 
aig  coig  uairean  anns  an  leabaidh.  Bha  so  a' 
sabhaladh  dhomh  tri  uairean  a  h-uile 
maduinn,  '  agus  'g  am  chumail  blath,  is 
bha  6  a'  freagairt  orm  cho  maith  's  na  'n 
robh  mi  a'  toiseachadh  a  ris  air  mo  bheatha 
as  iir,  gu  'n  leanainn  an  cleachdadh  so. 
'S  e  an  ceum  as  fhaide  anns  a  bheil  a'  mhor- 
chuid  againn  a'  dol  air  seachran,  nach  'eil 
sinn  ctiramach  gu  leor  m'  ar  n-uine. 

Iain  MacLeoid 

Bha  leth-sheana  bhoireannach  ann  an 
sgir  Urchardain  a  bha  aon  uair  'n  a  searbh- 
anta  anns  an  tigh  aig-  an  Ollamh  Iain 
MacLeoid,  an  Govan,  is  bhiodh  i  ag  innseadh 
dhomh  gu  'm  biodh  esan  ag  ullachadh  a 
shearmon  'n  a  shineadh  air  uachdar  an 
aodaich  air  an  leabaidh,  no  air  beingidh, 
ann  an  seomar  dubh.  dorcha  as  an  robh  a 
h-uile  leus  soluis  air  a  dhimadh  a  mach, 
los  gu  'n  rachadh  aige  air  a  smuaintean  agus  a 
bheachdachadh  a  chruinneachadh  agus  a 
chur  an  eagaibh  a  cheile  air  clar  a  chuimhne 
gu  h-6rdail,  oir  cha  robh  e  'na  chleachdadh 
aige  a  shearmoin  a  leughadh. 

Cha  bhiodh  e  ceart  dhuinn  a  radh  gu  'n 
d'  thainig  a'  chrioch  air  Iain  MacLeoid 
roimh  'n  am,  oir  chan  'eil  am  air  bith  ro 
thrath  ma  's  e  toil  an  Tighearn  e,  ach  bha 
e  air  a  ghearradh  as  m.  'an  gann  a  thug  an 
eaglais  an  aire  gu  'n  robh  neart  agus  ugh- 
darras  agus  cumhachd  na  diadhaidheachd 
ann  nach  robh  ann  an  gin  eile  d'  a  chom.h- 
aoisean.  A  mach  o  'n  Ollamh  Tormod,  a 
bha .  ann  am  Barony  Ghlaschu,  cha  robh 
gin  de  Chloinn  Mhic  Leoid  a  bha  cho  comasach 
ri  Iain.  Ged  bu  ghlic  agus  bu  laidir  an  duine 
Tormod  a  bhrathair,  agus  ged  bu  mhor 
am  meas  a  bha  air  anns  a  h-uile  eaglais, 
thuirt  am  Morair  Sands  nach  maireann  nach 
robh  air  searmoin  Thormoid  ach  bias  an 
uisge  an  coimeas  ri  searmoin  Iain  air  an 
robh  bias  an  fhiona. 

Ged  nach  robh  Cloinn  MhicLeoid  'n  an 
sgoilearan  bha  tuigse  aca  agus  eolas  cinnteach 


air  an  aird  as  an  seideadh  a'  ghaoth — ■ 
gaoth  na  firinn — nach  robh  aig  Professors 
agus  sgoilearan  a  b'  fhearr.  Na  beachdan  a 
theagaisg  Tormod  'n  a  latha  fhein  mu  'n 
t-Sabaid  agus  a  thug  air  daoine  a  bhi  'ga 
chaineadh  agus  'ga  mhallachadh,  sin  an 
teagasg  a  tha  na  h-eaglaisean  uile  a'  gabhail 
ris  an  diugh  ach  a  mhain  grunnain  bheaga 
de  bhraithrean  an  sud  's  an  so.  An  uair  a 
shiubhail  Iain  bha  roimh-shealladh  aige 
na  bu  shoilleire  na  bha  aig  duine  eUe  air  na 
nithean  a  bu  choir  do  'n  eaglais  a  thabhairt 
do  Dhia  'n  a  h-aoradh  agus  'n  a  Creideamh, 
agus  bha  e  air  buidheann  dheisciobul  a 
chruinneachadh  timchioll  air  a  chumail 
cuimhne  air  coitcheannas  na  h-eaglais  Naoimh 
Abstolach.  'N  a  latha  fhein  cha  do  choisinn 
so  dha  ach  amharus  nach  robh  ann  ach 
leth  Phapanach,  ach  an  diugh  tha  sinn 
uile  a'  reiseadh  gu  Amsterdam.  Thog  Iain 
MacLeoid  suas  a  shiiilean  air  Cnoc  an 
Fhradhairc  agus  chunnaic  e  Amsterdam 
fada  uaith,  an  uair  a  bha  stiilean  dhaoine 
eile  diiinte. 

An  t-OlIamh  Deorsa  agus  Aisling  I. 

Cha  mho  is  ann  le  sgoilearachd  no  eolas 
no  le  teagasg  dhaoine  eile  a  fhuair  an  t- 
Ollamh  Deorsa  a'  ghairm  a  thainig  chuige  o 
I-Chaluim.-cille  ach  o  ghuth  air  choreigin 
'na  chridhe  fhein  ;  aisling  nach  'eil  daoine 
eile  a'  faicinn  fhathast  agus  nach  'eil  e 
fhein  a'  faicinn  ach  gu  dorcha  troimh 
ghloine.  Ach  ged  nach  'eil  e  air  fhoillseachadh 
fhathast  ciod  a  thig  a  muinntireas  na  h-I, 
creid  thusa  mise,  gur  ann  o  Dhia  a  tha  e, 
agus  gu  'n  teid  e  air  aghaidh  o  'n  bheag 
gus  am  mor,  gus  nach  teid  a'  ghrian  tuille 
sios.  Chan  'eil  mise  a'  tuigsinn  gu  soilleir 
na  nithean  a  bhios  an  t- Ollamh  MacLeoid  a' 
sgriobhadh  mu  Bhord  a'  Chomanachaidh 
agus  m'  ar  n-aran  laitheil  mar  na  h-iuch- 
raichean  a  tha  fosgladh  dhuinn  suim  an 
eolas  shlainteil  agus  slighe  na  beatha  dhiadh- 
aidh,  ach  bidh  mi  air  uairean  a'  faireachduinn 
gu  bheil  e  a'  faicinn  aisling  agus  a'  cluinntinn 
guth  nach  ann  o  thamhaisg  mhanach  a  tha 
iad  ach  o  Dhia,  aislingean  agus  guthan  d'  a 
bheil  a  chomh-aoisean  eile  ann  an  eaglais 
na  h-Alba  bodhar  agus  dall. 

Tha  moran  dhaoine  anns  an  eaglais  a' 
gabhail  naire  gu  bheil  an  cnamhan-cogaidh 
a  tha  dol  air  aghaidh  eadar  ctiirtean  na 
h-eaglais  agus  ajja  t-Ollamh  MacLeoid  o 
chionn  tiine  daonnan  a'  tionndadh  air 
puingean  lagha  agus  nithean  beaga  suarach, 
agus  nach  'eil  misneach  no  gliocas  aig  an 
eaglais  a  radh  ris,  "  Imich  ann  an  sith, 
agus  gu  'n  robh  beannachd  'an  Tighearna 
maille  riut,  agus  ris  na  daoine  oga  a  tha 
ag  obair  agus  ag  iirnuigh  comhla  riut," 


Fo  Chraobh  Sheudair 


AIR  an  duthaich  chan  urrainn  dhuit  a 
bhi  cinnteach  ciod  a'  ghne  dhaoine  a  th,a 
'n  ad  choimhearsnaich  gus  am  bi  thu  laimh 
riu  da  fhichead  bliadhna,  agus  an  deidh 
na  h-uine  sin  faodaidh  tu  a  bhi  air  do  mheal- 
ladh  mar  bha  mise  ann  an  Conn  Mac  Fhraing. 
Fad  bhliadhnachan  bhithinn  ag  innseadh  do 
dh'  aoighean  coigreach^  o  'n  Deas  a  bhiodh 
a'  fuireach  leam,  an  uair  a  bhitheamaid  a' 
dol  seachad  air  a'  Phost  Office,  gur  e  duine 
anabarrach  laghach  a  bha  ann  an  Conn 
MacFhraing  aig  an  robh  e  ;  gu  'n  robh  e  cho 
truacanta  agus  cho  faireachail  's  nach 
leigeadh  e  le  balach  nan  telegrams  fios- 
dealain  a  liubhairt  ann  an  tigh  air  bith  ma 
bha  droch  naidheachd  ann.  Rachadh  e 
fhein  leis  an  litir-bhuidhe,  agus  m'  am  falbh- 
adh  e  chuireadh  e  air  colair  los  an  liubhairt 
a  dheanamh  cho  coibhneil  'sab'  urrainn 
dha,  agus  na  'm  biodh  idir  iiine  aige  dh' 
fhanadh  e  greis  de  'n  latha  comhla  riu,  ag 
innseadh  naidheachdan  eile  dhaibh  a  lugh- 
dachadh  am  broin.  An  creid  thu,  ma  ta, 
gu  'n  deanadh  duine  aig  an  robh  cridhe 
cho  blath  tlusail,  a  bha  'n  a  ionmhasair 
aig  an  Augmentation  Fund,  agus  'n  a 
chleireach  aig  a'  Chattle  Show,  an  gniomh 
a  rinn  Conn  MacFhraing  uair  a  dh'  ith  an 
cat  aig  bantrach  Mhurchaidh  fear  de  na 
bigeanan  a  bha  aig  a'  mhnaoi  aige  fo  chirc. 
Gun  fuireach  ri  seachd  a  chunntas,  no 
aileadh  a  dhroch  chainnte  fhein  a  leigeadh 
as  a  shroin,  chaidh  e  gu  tigh  na  bantraich  ; 
agus  beirear  air  caiman  boidheach  leis  a' 
bhalach  aice,  agus  an  lathair  a'  bhalaich 
tairngear  an  amhach  aige  gus  an  robh  e 
marbh  gun  sgrid.  An  oidhche  sin  fhein 
bha  e  anns  a'  choinneamh-iirnuigh,  'na 
shuidhe  air  beulaibh  na  ciibaid  agus  bantrach 
Mhurchaidh  da  shuidheachan  air  a  chiilaibh. 
Sheinn  iad  salm  CXXXIII  (air  Fonn  Tor- 
wood), 

O  feuch,  cia  meud  am  maith  a  nis, 
cia  meud  an  tlachd  faraon, 

Braithrean    a    bhi    'n    an    comhnuidh 
ghnath 
an  sith  's  an  ceangal  caoin. 


B'  e  an  cuspair  air  an  robh  am  ministear 

a'  bruidhinn  air  an  fheasgar  ud  an  rud  ris 

an  abair  na  Sasunnaich  tit  air  son  tat,  ris 

an  abair  na  daoine  againne  da  bhuUle  air 

son  aon  te,  agus  ris  an  abradh  Maois,  suil 

air  son  stila  is  fiacail  air  son  fiacla,  agus  an 

deidh  dha  leudachadh  air  an  atharrachadh 

mhor  a  rinn  Criosd  air  an  t-saoghal  agus 

air  cridheachan  dhaoine  o  laithean  Mhaois, 

chriochnaich    e,    is    dh'    iarr    e    air    Conn 

MacFhraing   iirnuigh    a   dheanamh.       Rinn 

Conn   MacFhraing   iirnuigh,   no    co   dhiubh 

rudeigin  a  bhios  a'  dol  fo  'n  ainm  sin  ;  thug  e 

buidheachas  do  Dhia  gu   'n  robh  iad  bed 

ann  an  linn  an  t-soisgeil,  agus  gu  'n  deachaidh 

seana  nithe   seachad  a  chionn  gu   'n  robh 

spiorad    an    t-soisgeil    'gan    comh-chumadh 

ri  iomhaigh  Chriosd.    Fhad  's  a  bha  Conn  ag 

urnuigh  bha  cnead  agus  osna  aig  bantrach 

Mhurchaidh   uair  ma   seach,   ach   chan   'eil 

fhios    aig    duine   eUe    ciod   a    bha   tachairt 

'na  h-inntinn.     Cha  mho  is  urrainn  ^mi  a 

radh  ciod  an  t-ainm  ceart  air  na  briathran 

buidheachais  a  labhair  Conn  an  eisdeachd 

an    t-sluaigh ;     tha    amharus    agam    nach 

robh    annta    ach    fuaim    gun    bhrigh    mar 

gu  'm  biodh  gorracail  a  dheanadh  cathagan, 

agus  nach  e  mhain  nach  d'  eirich  iad  cho 

ard  ri  neamh  ach  nach  do   chuir  iad  aon 

ghluasad  beag  no  smuain  'na  eanchainn  fhein. 

Feumaidh    sinn    seirbhis    a    dheanamh    do 

Dhia  le  ar  buadhan  uile  ;  anam  is  eanchainn  ; 

ar  ttir  agus  ar  tuigse.   Bhiodh  moran  dhaoine 

na  's  fhearr  na  tha  iad  na  'n  cleachdadh  iad 

an  tiir  nadurra,  agus  na  'n  robh  na  bu  lugha 

de  chrabhadh  annta. 

*         *         *         * 

An  uair  a  dh'  fhas  Evander  Ross,  am 
foirbheach  laghach,  sgith  a  dh'  earraghloir 
Chuinn,  dh'  fhosgail  e  a  shuUean  agus  ciod 
a  b'  iongantaiche  leis  ach  nach  e  guth 
Chuinn  a  bha  e  a  nis  a'  cluinntinn  idir  ach 
guth  eile  a  dh'  aithnich  e  anns  a'  mhionaid 
(oir  is  aithne  do  na  caoraich  a  ghuth)  ach 
chan  fhaca  e  duine,  ged  a  bha  na  facail  a' 
fuaimneachadh  air  feadh  na  h-eaglais  uUe, 
"  Athair,  thoir  maitheanas  dha,  oir  chan  'eil 
fhios  aige  ciod  a  tha  e  a'  deanamh." 


An  t-OUamh  Ruairidh  MacLedid 


THA  ministearan  agus  missioaaraidhean  nk 
Gaidhealtachd  agus  nan  Eileanan  an  diugh 
fo  bhron  mar  gu  'n  cailleadh  gach  aon  aca 
caraid  pearsonta.  Sin  an  fhior  fhacal  a 
tha  freagairt  uir  an  Ollamh  chaomh  nach 
maireann ;      duine    a    rinn     cairdean    dha 


fhein  anns  gach  aite  an  robh  e,  agus  a  chiim 
iad.  Co  riamh  a  chunnaic  gruaim  air  aodann 
Ruairidh  MhicLeoid  ?  agus  ma  bha  thu 
comhla  ris  anns  an  sgoil  no  anns  an  Oilthigh 
lasadh  aghaidh  le  toileachadh  an  uair  a 
thachradh  tu  ris  aig  coinneamh,  agus  is  e  a' 


AN  T-OLLAMH  RUAIRIDH  MACLEOID 


cheud  fhacal  a  theireadh  e,  "  Fan  rium  an 
uair  a  bhios  a'  choinneamh  thairis  is  thig 
learn  do  'n  Chlub."  Anns  a'  Chlub  gheibheadh 
tu  aoigheachd  agus  biadh  agus  smog  mar 
bu  mhaith  a  b'  aithne  do  dhuin-uasal  agus 
do  dhuine  coir  sin  a  thoirt  d'  a  chairdean, 
agus  fad  na  h-uine  seanchas  cridheil  blath 
gun  gho  gun  ghath  ann. 

Bha  e  tri  fichead  's  a  h-ochd  deug  ;  air 
oileanachadh  an  Sgoil  Raining,  an  lonar-nis  ; 
an  Oilthighean  Chill-rimhinn  agus  Ghlaschu, 
ann  an  Collaisde  na  Trianaid  an  Glaschu  ; 
air  a  shuidheachadh  'na  cheud  eaglais 
(an  Eaglais  Shaor)  an  Clydebanlc  an  1897. 
Seachd  bliadhna  'n  a  dhe'dh  sin  thainig 
gairm  chuige  o  chomhlan  fhogarrach  air  an 
atneol  ann  an  Sasunn  (dliith  do  Lunnainn) 
ag  iarraidh  air  dol  air  an  ceann  a  chur  air 
chois  Eaglais  Chleireachail  ann  an  Frognal. 
Anns  a'  choimhthional  sin  bha  Annie  Swan 
agus  Uilleam  Robertson  Nicoll  'n  am  buill 
aige.  Bu  ro  thoigh  learn  boireannach 
banail,  glic,  diadhaidh  mar  a  bha  Annie 
Swan  a  bhi  's  a'  choimhthional  agam,  ach 
cha  bhithinn  diombach  ged  rachadh 
W.R.N,  leis  na  Baistich.  Fo  riaghladh 
Ruairidh  MhicLeoid  dh'  fhas  an  coimh- 
thional  tir  ud  gu  maith  laidir,  ach  bha 
tarruing  aig  obair  eile  air  Maighstir  Ruairidh 
do  Dhim-eideann,  agus  ann  an  1924  bha 
e  air  a  chur  os  cionn  obair  nam  missionaraidh- 
ean  Gaidhealach  anns  an  eaglais  U.F. 
gun  phaigheadh.  Bha  e  gu  maith  air  a 
dhoigh,  agus  chosd  e  barrachd  d'  a  airgiod 
fhein  ann  an  seirbhis  na  h -eaglais  na  duine 
eile  a  b'  aithne  dhomh  ach  a  mhain  an 
t-011am.h  uasal,  Seumas  C.  Russell,  seana 
mhinistear  Cheann-loch.  Bha  e  fialaidh 
gu  nadurra ;  bha  a  lamh  'na  phoca  gun 
tighinn  as  idir,   agus  eadar  na  thug  e   de 


chuideachadh  do  bhalaich  oga  a  bha  'n 
an  eiginn,  do  pheathraichean  mhinistearan 
a  bha  gun  bheoshlaint  agus  gun  phension 
'nan  seann  aois,  agus  do  sheorsachan  eile 
a  bha  an  cruaidh-chas,  b'  airidh  e  air  an 
ainm  Cobhair  nan  geas.  Ach  bha  na  gniomh- 
aran  laghach  is  uasal  a  bhiodh  e  a'  deanamh 
eadar  e  fhein  's  a  14mh  dheas  ;  cha  robh 
fhios  aig  a  laimh  chli  air. 

'S  e  rud  cho  feumail  's  a  thoisich  e  air, 
an  sgoil  shamhraidh  aig  na  missionaraidhean, 
far  a  bheil  iad  a'  faotainn  teagasg  o  dhiadh- 
airean  na  h -eaglais,  companas  ri  each  a 
cheile,  agus  atharrachadh  fad  beagan  l^ithean 
anns  a'  bhliadhna  o  dhaoine  agus  o  choimh- 
earsnaich,  o  obair  agus  o  sheallaidhean 
d'  a  bheil  iad  a'  f4s  seachd  sgith.  Is  fheairrd 
a  h-uile  duine  anail  bheo  an  t-saoghail 
mhoir  a  sheideadh  air,  agus  dol  air  chuairt 
o'n  tigh  ged  nach  rachadh  e  na  b'  fhaide 
na  Gaol  Acuinn. 

Bha  e  anabarrach  dileas  air  chul  nam 
missionaraidhean,  agus  cha  mhor  nach  tugadh 
e  ort  a  chreidsinn  nach  robh  ann  an  Chrysos- 
tom  ach  searmonaiche  truagh  laimh  ri 
feadhainn  dhiubh.  Cha  chuala  mi  e  fhein 
riamh  a'  searmonachadh,  is  cha  robh  a 
Ghaidhlig  maith  gu  leor  gu  'm  biodh  saorsa 
aige  innte,  ach  thuirt  an  t-Ard  Ollamh, 
H.  R.  Mac-an-toisich  rium  nach  robh  moran 
m.hinistearan  an  eaglais  na  h-Alba  a  b' 
fhearr  leis  eisdeachd  ris  am  Beurla  a  chionn 
gu  'n  robh  gaoth  an  Spioraid  a'  seideadh 
'na  shearmonachadh . 

Cha  robh  e  na  bu  gheur-chtiisiche  no 
na  bu  phongaile  na  daoine  eile  ann  an 
ghothuichean,  ach  cha  b'  e  a  shearmonachadh 
no  a  riaghlaireachd  a  choisinn  dha  meas 
agus  gean-maith  a  bhraithrean  ach  an 
teine  blath  a  bha  'na  chridhe. 


Aig  an  Uinneig 


"  Scottish  Gaelic  Studies,"  Vol.  vi,  Pt.  2. 

Chan  'eil  moran  ciiiil  anns  an  leabhran 
so  ach  tha  gu  leoir  de  bhiadh  aim  agus  is  e 
sin  a  tha  dhith  air  na  sgoilearan  a  bhios 
'ga  leughadh.  'S  e  a'  cheud  phaipear  air 
an  do  sheall  mi  am  paipear  a  sgriobh 
Coinneach  Jackson,  a  chionn  gur  esan 
am  professor  tir  a  bhios  againn  an  Diin- 
eideann,  agus  gu  'm  bu  mhaith  learn  obair 
a  laimhe  fhaicinn.  Ach  gu  mi-shealbhach 
cha  robh  aige  anns  an  aireamh  so  ach 
cuspair  aotrom  suarach  nach  tugadh  cothrom 
do  dhuine  air  bith  tarruing  air  a  sgil  no 
air  a  sgoil ;  pasgah  de  sgeulachdan  leanabail 
a  chruinnich  e  ann  an  Nova  Scotia  agus  a 
chuir  e  sios  anns  an  dearbh  litreachadh  anns 


an  robh  iad  air  am  fuaimneachadh  leis  na 
daoine  a  dh'  aithris  dha  na  sgeulachdan. 
"  Bha  ri,  chuir  a  fawbh  fear  air  thrusadh  a 
mhaU,  agus  'a  ro  gin  a'  tilleadh.  Agus 
thanaig  Deorsa  agus  thuirst  a  :  "  Fawbhaidh 
mise."  Thuirst  a'  ri :  "  'a  thUl  u  tuilleadh." 
.  .  .  Agus  dh'  fhoighneachc  a  dheth  co  miad 
urchair  a  bha  'ge  ;  agus  thug  e  dheth  (a) 
ad,  agus  wois  gidh  tu  ro  'n  ad  "  .  .  .  lem  esan 
air  muin  an  eich  aig  a'  robair  agus  thiundaidh 
a  ma  chuairst  agus  haidh  a  air  mharchcachc 
eich  a  robair,  's  duir  a  chaimhid  a'  robair 
'a  robh  sign  aige  air  'n  each  aige  hein." 

Tha  fhios  agam  gu  bheil  moran  sgoilearan 
an  diiil  gur  e  ulaidh  fhiachail  a  tha  ann  an 
sgeulachd  air  bith  a  gheibh  iad  o  sheann 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


duine,  agus  gu  bheil  i  na  's  fiachaile  air 
fad  ma  tha  i  air  a  cur  air  clar  ann  an  cainnt 
bhriste  nam  mithean,  mar  nach  b'  fhearr 
a'  Ghaidhlig  uasal  na  Lallans.  Theagamh 
gur  spitheag  so  ann  an  teampull  an  eolais, 
ach  air  a  shon  sin  chan  'eil  ann  an  gorracail 
ach  gorracail  fhein. 

'S  e  an  cttrsa  as  fhearr  de  'n  bhiadh  air 
antrath  so  an  litreachadh  agus  an  riaghailt 
a  tha  air  a  chur  air  Serglige  Con  Culainn  le 
Myles  Dillon,  a  tha  mi  cinnteach  a  rinn  an 
obair  gu  maith  ged  nach  gabh  mise  orm 
fhein  breith  a  thoirt  oirre.  Cha  do  rinn  mi 
ach  suil  a  thoirt  thairis  oirre  feuch  am 
faicinn  sreathan  innte  a  bha  agam  ri  thionn- 
dadh  gu  Beurla  ann  am  paipear-ceasnach- 
aidh  o  chionn  leth-cheud  bliadhna. 

Tha  paipear  feumail  aig  Fear  Chanaidh 
arms  an  aireamh  so  mu  ainmean  aitean  anns 
na  h-Eileanan  an  lar,  gu  sonruichte  ainmean 
Lochlannach,  far  a  bheil  brigh  no  ciall  an 
fhacail  air  fholuch  a  chionn  gu  bheil  litir 
air  a  fagail  a  mach  as.  Ach  am  bitheantas 
an  uair  a  chliiinneas  tu  an  t-ainm  air  fhuaim- 
neachadh  le  muinntir  an  aite  innsidh  do 
chluas  dhuit  gu  'm  feum  thu  a  bhi  'n  ad 
earalas. 

Ris  an  fheadhainn  a  fhuair  e  ann  am 
Barraidh  dh'  fhaodadh  e  iad  so  a  Tiriodh 
a  chur  riutha,  Sa'  alum,  Mi'  alum. 

Tha  W.  L.  Lorimer  a'  toiseachadh  air 
rannsachadh  na  ceiste  as  ur,  "  C  uin  a 
sguir  Gaidhlig  gu  tur  de  bhi  air  a  bruidhinn 
ann  an  Carr-aig  (lonar-Ar)  agus  an'Gallghaill. 
Tha  e  duilich  a  radh,  ach  tha  aon  fhacal 
neonach  aig  deireadh  a  sheanchais  : — ■"  Dh' 
innis  an  t-Ollamh  Sprott  do  'n  t-Siorram 
Mac  Fhearghuis  gu  'n  robh  foirbheach  anns 
an  eaglais  Shaoir  ann  am  Ballantrae  mu  'n 
bhliadhna  1864,  a  bha  Gaidhlig  aig  athair." 
Agus  faodaidh  gu  'n  robh  foirbheach  ann  an 
Dunbar  a  bha  Gaidhlig  aig  a  mhathair ! 

Tha  am  fear-deasachaidh,  Iain  Domh- 
nuUach,  a'  deanamh  iomraidh  anns  an 
aireamh  so  air  a'  chall  mhor  a  thainig  air 
sgoilearachd  na  Gaidhlig  le  bas  an  Ollaimh 
Uilleam  MacBhatair  anns  an  robh  taic 
nach  robh  ann  an  neach  eile  d'  ar  daoine. 

Sulpetrone 

Chunnaic  mi  naidheachd  mhaith  ann  am 
paipear-naidheachd  an  la  roimhe,  gu  bheil 
na  doctairean  air  cungaidh  no  locshlaint  iir 
fhaotainn  a  mach  a  leighseas  an  luibhre  ; 
stuth  ris  an  abair  iad  Sulpetrone.  Bu  mhaith 
leam  na'  m  b'  fhior.  Ged  nach  deanadh  a' 
chungaidh  so  ach  an  luibhre  a  chumail 
fodha  ann  an  tomhas  bu  mhor  sin  fhein, 
oir  's  e  plaigh  uamhasaeh^a  tha  innte,  agus 
tha  e  air  a  radh  gu  bheil  muillean  lobhar 
ann  an  China  a  mhain. 


Am  measg  nan  dearbhaidhean  a  thug 
Criosd  do  Eoin  a'  Bhaistidh  gu'  m  b'  esan 
an  Slanuighear  a  bha  ri  teachd,  thuirt  e 
gu  'n  robh  na  doill  a'  faotainn  am  fradhairc, 
na  bacaich  ag  imeachd,  na  bodhair  a' 
cluinntinn,  na  lobhair  air  an  glanadh, 
agus  moran  air  an  leigheas  o  phlaighean. 
Tha  an  obair  mhaith  sin  a'  dol  air  aghaidh 
an  diugh  fhathast  air  chor  agus  nach  'eil 
e  ceart  dhuinn  a  radh  gu  'n  do  sguir  obair 
throcaireach  Chriosd  air  thalamh.  Tha  i  a' 
dol  air  aghaidh  na's  durachdaiche  na  bha  i 
riamh  agus  na's  dicheallaiche,  ged  a  tha 
i  air  a  deanamh  ann  an  doighean  a  tha  iir 
dhuinne,  agus  le  daoine  nach  robh  riamh 
air  an  coisrigeadh  le  easbuig  no  sagart  no 
cleir. 

Bidh  e  iomadh  uair  a'  cur  ioghnaidh 
orm  car  son  a  bhios  mi  fhein  agus  daoine  eile 
ann  an  urnuighean  na  h-eaglais  a'  toirt 
buidheachais  do  Dhia  air  son  seann  ludhaich 
anns  nach  robh  moran  feum  anns  an  t-saoghal 
ach  a  tha  air  an  ainmeachadh  anns  a' 
Bhiobull,  agus  nach  tug  sinn  riamh  buidh- 
eachas  dha  air  son  obair  chriosdail  agus 
bhuadhor  nan  daoine  a  fhuair  a  mach 
M.  and  B.  agus  Penicillin,  cungaidhean  a 
thug  na  miltean  o'  n  bhas.  Chan  'eil  aobhar 
eile  air  a  shon  so  ach  droch  chleachhadh 
agus  cion  toirt  fainear. 

Bha  R.  L.  Stevenson  gu  maith  cruaidh 
agus  ruighinn  ann  an  suidheachadh  goirt, 
ach  an  uair  a  chaidh  e  a  dh'  fhaicinn  Dachaidh 
nan  Lobhar  ann  am  Molokai,  agus  a  chunnaic 
e  da  bhanaltrum  6g,  caileagan  boidheach, 
agus  solus  a'  ghraidh  agus  na  trocair  air 
an  aodann,  a'  frithealadh  gun  eagal  gun 
sgreamh  do  chreuchdaich  a  bha  an  fheoil  a' 
lobhadh  dhiubh,  cha  b'  urrainn  dha  gun 
deoir  a  shileadh.  Bhean  e  ri  gairdean  te 
dhiubh  is  thuirt  e.rithe  ann  an  guth  ciuin, 
"  Gu  cinnteach  tha  e  a'  dol  romhad  a 
dheanamh  do  bheatha." 

An  uair  a  bha  e  air  thalamh  thuirt  Criosd. 

Glanaibh  na  lobhair,  agus  anns  na  laithean 
deireannach  so  tha  na  lobhair  air  an  glanadh, 
agus  CO  dhiubh  is  e  sagartan  no  ministearan 
no  doctairean  no  chemists  a  tha  'ga  dheanamh 
is  ann  do  Dhia  a  bhuineas  an  cliii. 

Briathran  a'  Bhiobuill 

'S  e  'n  aon  rud  as  motha  tha  mi  ag  ionn- 
drainn  ann  an  seirbhisean  na  h-eaglais 
air  an  t-Sabaid  nach  'eil  mi  a'  cluinntinn 
uiread  bruidhne  's  a  bu  mhaith  leam  mu 
Dhia.  Sin  an  seorsa  searmonachaidh  as 
fhearr  leam,  ciod  a  tha  am  Biobull  ag  radh 
mu  Dhia.  Rachadh  agam  air  a'  chuid  mhor 
de  na  nithean  eile  a  bhios  mi  a' , cluinntinn 
anns  an  eaglais  a  radh  rium  fhein,  agus 
ged  nach  cluinntnn  idir  iad  cha  bhasaicheadh 


AIG  AN  UINNEIG 


m'  anam  le  gort.  Tha  fhios  agam  gu  maith 
ciod  is  coir  dhomh  a  dheanamh  mar  Chrios- 
duidh,  ciod  an  daimh,  arms  am  bu  choir 
dhomh  tighinn  bed  ri  m'  choimhearsnaich, 
ach  chan  'eil  arms  na  nithean  sin  uile  ach 
nithean  beaga  a  thuiteas  gu  nadurra  'n 
an  aite  fhein  an  uair  a  tha  do  ehridhe  air  a 
ghlacadli  leis  an  longhnadh  so,  DIA,  Dia 
anns  a  bheil  do  bhith  agus  do  bheatha  agus 
air  nach  fhaigheadh  tu  eolas  gu  brath  mur 
foillsicheadh  e  e  fein  anns  a'  BhiobuU. 

Cha  bhiodh  feum  ann  dhuitsa  no  dhomhsa 
a  bhi  cluinntinn  bruidhne  air  an  t-Sabaid 
mu  Dhia  an  Cruithear,  agus  chan  e  sin  an 
seanchas  mu  Dhia  a  tha  mi  ag  ionndrainn. 
Ciod  as  aithne  do  dhuine  air  thalamh  mu  'n 
Chruithear,  an  spiorad  neo-chruthaichte, 
gun  toiseach,  gun  chrioch,  gun  tomhas ; 
ciod  e  'n  a  bhith  oirdhearc  ;  an  gloir  agus 
am  maise  a  bhuadhan,  agus  ann  an  iomlan- 
achd  a  naduir.  Tha  an  Dia  sin  gu  buileach 
foluichte  oirnn,  agus  is  e  an  Dia  ris  a  bheil  ar 
ghothuch  an  Dia  a  dh'  fhoillsich  e  fhein  'n 
a  fhacal.  Sin  am  facal  a  tha  buannachdail 
dhuinn  eisdeachd  ris,  agus  a  radh  na  firinn 
chan  'eil  dad  eile  anns  a'  Bhiobull  ach 
na  tha  e  ag  radh  mu  Dhia.  Sin  saibhreas 
agus  solus  a'  Bhiobuill,  agus  ged  nach  biodh 
ministear  maith  air  searmonachadh,  no 
ordail  'na  theagasg,  no  soilleir  'n  a  bhreith- 
neachadh,  dh'  eisdinn  le  tlachd  ris  uair 
an  uaireadair  na  'n  leanadh  e  air  bruidhuih 
air  na  nithean  a  tha  am  BiobuU  ag  radh 
mu  Dhia.  Anns  na  laithean  so  tha  cho 
beag  de  chainnt  litireil  a'  Bhiobuill  ann  an 
searmon  's  gu  'n  leum  do  ehridhe  le  toileach- 
adh  an  uair  a  thig  aon  fhacal  fhein,  mar 
gu'  m  biodh  fear-turuis  air  cluain  ghorm  a 
ruighinn  ann  am  meadhon  fasaich. 

An  Comanachadh  air  an  Radio 

Tha  mi  a'  sgriobhadh  so  air  la  na  Sabaid, 
a'  choigeamh  la  de  Februari,  an  deidh 
dhomh  a  bhi  ag  eisdeachd  ri  seirbhis  o 
eaglais  Dhim-Bearnaidh,  am  Peairt,  far 
an  robh  sacramaid  Suipear  an  Tighearna 
air  a  frithealadh.  Bha  'n  dile  uisge  ann 
anns  a'  mhaduinn,  agus  aig  an  uair  as 
abhaist  dhomh  a  bhi  coiseachd  do  'n  eaglais 
bha  an  sneachd  flichneach  cho  trom  's 
nach  tugainn  m'  aghaidh  dha.  Sin  a  thug 
cothrom  dhomh  eisdeachd  ris  an  t-seirbhis 
so,  agus  m'  am  fas  mo  chuimhne  fann  bu 
mhaith  leam  a  chur  sios  air  an  duilleig 
so  ciamar  a  dhriiidh  an  t-seirbhis  orm. 
Chan  abair  mi  gu  'm  bu  toigh  leam  i,  ged 
tha  sin  fior,  no  gu  'n  do  thaitmn  i  rium, 
no  gu  'n  do  chord  i  rium,  oir  chan  'eil  an 
doigh-bruidhne  sin  no  gin  de  na  facail  sin 
freagarrach   do   Shacramaid  Naomh.      Tha 


sinn  a'  gabhail  na  Sacramaid  mar  thiodhlac 
neamhaidli  a  tha  'n  a  meadhon  eifeachdach 
chum  slainte  co  dhiubh  a  tha  am  modh 
anns  a  bheil  i  air  a  frithealadh  a'  taitinn 
ruinn  no  nach  'eil. 

A  thaobh  alt  agus  ealain  agus  foirm  na 
seirbhis,  grinneas  agus  gasdachd  agus  cuimse 
na  cainnte,  cha  b'  urrainn  dhi  a  bhi  na  b' 
fhearr  ;  bha  a  h-uile  ni  a  bhuineas  dha  sin 
coimhlionta.  Agus  a  thuilleadh  air  sin, 
bha  gach  amharus  is  eagal  a  bha  air  daoine 
nach  freagradh  samhchair  is  soluimteachd  a' 
chomanachaidh  agus  bith-sgeilm  an  Radio 
air  a  cheile,  bha  iad  gun  bhonn. 

Tha  da  ni  a'  seasamh  a  mach  'n  am 
chuimhne  o  'n  t-seirbhis  anns  an  robh  pairt 
agam  an  diugh  (1)  an  luach  a  tha  ann  an 
guth  naomh  soluimte  anns  an  eaglais  agus 
ann  an  seirbhis  an  t-soisgeil.  Bu  mhaith 
do  'n  chuid  mhor  de  mhinistearan  na  'n 
robh  an  guth  glan  soillear  aca  a  tha  aig 
an  fhear  a  bha  air  cheann  na  seirbhis  an 
diugh,  agus  na  'n  rachadh  againn  air  bruidh- 
inn  cho  maith  ris,  ach  bha  sgailc  chruaidh 
smachdail  'n  a  ghuth,  mar  gu  'm  biodh 
ord  a'  bualadh  air  innean,  anns  an  robh 
barrachd  de  chabhag  an  Radio  na  de  fhail- 
eadh  ciibhraidh  an  t-seomair  uachflraich.  Air 
an  lairQh  eile  bha  soluimteachd  naomh 
gu  nadurra  ann  an  guth  caol  ciuin  an  fhir 
a  bha>.  'ga  chuideachadh ,  agus  a  leugh  na 
h-earranna  freagarrach  a  bha  air  an  leughadh 
aig  a'  Bhord.  Is  sona  iadsan  a  dhtiblaicheas 
an  t-iighdarras  agus  an  naomhachd  a  tha 
cheana  ann  am  facal  an  Tighearna  le  'n 
guth  ;  ofrail  air  altair  Dhe  a  tha  'n  a  mheadh- 
on-grais  do  mhoran.  Uair  a  bha  ministear 
Gaidhealach  aig  an  Ard  Sheanadh,  an 
Dim-eideann,  chaidh  e  do  Eaglais  an  Naoimh 
Cuthbert  air  an  t-Sabaid.  Bha  pairt  aig 
triiiir  no  cheathrar  de  choigrich  ainmeil 
anns  an  t-seirbhis,  ach  thuirt  e  rium  nach 
d'  fhairich  e  gu  robh  e  ann  an  eaglais  gus  an 
d'  eirich  Wallace  Williamson  a  dh'  innseadh 
gu  'm  biodh  Collection  air  a  thogail  air 
son  aobhar  air  choreigin.  Bha  ghuth  cho  mills. 

(2)  Mar  tha  seirbhisean  na  h-eaglais  agus 
gu  sonruichte  seirbhis  a'  Chomanachaidh 
air  an  cur  'san  aon  mhoUdair.  A  mach  o 
dhealachadh  beag  ann  an  corr  fhacal, 
chluinneadh  tu  an  t-seirbhis  a  chuala  sinn 
an  diugh  anns  a'  chuid  mhor  a  dh'  eaglaisean 
anns  an  tu".  Tha  an  da  chuid  call  agus 
buannachd  anns  an  atharrachadh  so.  Tha 
ulaidh  phriseil  aig  an  eaglais  ann  an  urnuigh- 
ean  nan  naomh  o  chionn  nan  ceudan  bliadhna, 
d'  am  bu  choh  dhi  feum  a  dheanamh  'na 
h-aoradh,  agus  cha  bhiodh  e  idir  neo- 
fhreagarrach  gu  'm  biodh  an  aon  seirbhis 
anns    a    h-uile    eaglais    air    son    Baistidh, 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


Posaidh,  Comanachaidh,  Tiodhlacadh  nam 
marbh,  air  an  bu  choir  dhuinn  a  bhi  cho 
eolach  's  a  tha  sinn  air  Urnuigh  an  Tighearna. 
Ach  air  a  shon  sin  cha  bu  mhaith  gu  'n 
tiormaicheadh  tobar  na  h-urnuigh  anns  an 
eaglais,  no  gu  'n  cailleadh  ministearan  oga,  le 
cion  cleachdaidh,  no  le  bhi  a'  leigeil  an  taic  ri 
urnuighean  a  sgriobh  iad,  an  comas  air 
athchuingean  agus  eadar-ghuidhe  an  t-sluaigh 
a  chur  an  lathair  an  Tighearna  ann  am 
briathran  freagarrach,  mar  a  their  sinn,  as  an 
ceann  fhein  no  as  an  seasamh.  Is  e  tirnuigh  an 
obair    as    cudthromaiche    ann    am    beatha 


ministeir  ;  gabhaidh  searmon  ullachadh  ann 
an  cabhaig  no  ann  an  leisg,  ach  ann  an 
ilrnuigh  is  e  thu  fhein  a  dh'  fheumas  tu 
ullachadh,  do  chridhe  fhein,  agus  do  cho- 
chomunn  fhein  ri  Dia  a  h-uile  latha. 

An  uair  a  chuala  mi  iomradh  an  toiseach 
gu  'n  robh  seirbhis  Suipear  an  Tighearna 
ri  bhi  air  an  Radio  chuir  e  eagal  orm,  agus 
faodaidh  mi  a  radh,  uamhas  ;  ach  a  nis  an 
deidh  dhomh  an  t-seirbhis  a  chluinntinn 
feumaidh  mi  a  radh,  mar  thuirt  an  Salmadair, 
"  ghabh  mi  eagal  mor  an  uair  nach  robh 
aobhar  eagail  ann." 


Thuit  iad  air  falbh 


AM  measg  nam  facal  eile  a  tha  a'  tuiteam 
a  cleachdadh  tha  am  facal  cul-shleamh- 
nachadh.  Cha  chuala  mi  e  anns  an  «aglais, 
agus  cha  do  leugh  mi  e  ann  an  leabhar  no 
ann  am  paipear-naidheachd  o  chionn  bhliadh- 
nachan.  Theagamh  gu  bheil  facal  eile 
aca  air  a  shon  a  nis,  ach  is  e  facal  maith 
agus  facal  laidir  as  a'  Bhiobull  a  bha  ann, 
is  bhithinn  duilich  e  dhol  a  fasan  oir  chan 
e  mhain  nach  'eil  an  droch  rud  a  tha  e  a' 
ciallachadh  a'  dol  a  cleachdadh,  ach  tha 
6  na'  s  cumanta  na  bha  e  riamh. 

Anns  na  laithean  so  is  toigh  le  daoine  a 
bhi  creidsiim  gu  bheil  iad  daonnan  a'  dol 
air  an  aghaidh  agus  nach  'eil  iad  uair  air 
bith  a'  dol  air  an  ais.  Chan  'eil  teagamh 
nach  'eil  adhartas  'ga  dheanamh  ann  an 
iomadh  doigh,  ach  ann  an  iomadh  doigh 
eile  tha  sinn  a'  dol  an  coinneamh  ar  cuil  ;  a' 
fas  reamhar,  a  fas  saoibhir,  agus  a'  fas 
soghail ;  a'  toirt  gniiis  do  dhiathan  coimh- 
each,  agus  an  Tighearn  Dia,  Dia  ar  n- 
aithrichean,  a  bha  sinn  air  ar  baisteadh 
'n  a  ainm  agus  'na  eaglais  ag  radh  ruinn, 
"  Rachaibh  agus  glaodhaibh  ris  na  diathan 
a  roghnaich  sibh  ;  teasairgeadh  iad  sibh  ann 
an  am  bhur  teanntachd." 

Ach  chan  'eil  na  diathan  so  a  roghnaich 
sinn  roimh  'n  Dia  bheo  agus  fhior  'g  ar 
teasairginn,  agus  is  mithich  dhuinn  tionn- 
dadh  ri  Dochas  Israel  agus  an  urnuigh  a 
chur  suas  ris  a  chuir  leremiah  suas,  "  Ged 
tha  ar  n-euceartan  a'  tabhairt  fianuis  'n 
ar  n-aghaidh,.  o  lehobhah,  dean  thusa  air 
sgath  t'  ainme  fein  ;  oir  tha  ar  cul-shleamh- 
nuidhean  lionmhor,  pheacaich  sinn  a  d' 
aghaidh.  O  dhochais  Israeil,  a  Shlanuighear 
ri  am  teanntachd,  c'  uim  am  bitheadh  tu 
mar  fhear-cuairt  anns  an  tir  ?  Gidheadh 
tha  thusa,  0  lehobhah,  'n  ar  meadhon, 
agus  ortsa,  tha  sinn  air  ar  n-ainmeachadh  ; 
na  dean  ar  treigsinn." 

Chan  'eil  ann  an  eachdraidh  an  t-saoghail 


ach  duUleag  an  sud  agus  an  so  de  bhreith- 
eanas  Dhe  air  na  rioghachdan,  agus  ged 
bhios  creidmhich  air  uairean  ag  radh  nithean 
neonach  agus  leanabail  mu  'n  teagasg  so 
agus  mi-chreidich  ag  radh  nithean  a  cheart 
cho  neonach  is  leanabail  uime,  agus  fada 
na'  s  toibheumaiche,  tha  e  cho  fior  's  a 
tha  am  Biobull  ag  radh  gur  e  tuarasdal  a' 
chiiil-shleamhnachaidh  truaighe  agus  teann- 
tachd aimsireil  agus   sgrios   spioradail. 

Tha  ctil-shleamhnachadh  a'  ciallachadh 
tionndadh  air  t'  ais.  Co  ris  a  their  thu 
duine  a  thionndaidh  air  ais  ?  Their  ri 
duine  a  rinn  aon  uair  roghainn  de  'n  ni 
mhaith  agus  a  bhlais  de  'n  tiodhlac  neamh- 
aidh ,  ach  a  thuit  air  falbh  o  Dhia.  Cuimhnich 
gur  ann  o  Dhia  a  mhain  as  urrainn  dhuit 
ciil-shleamhnachadh,  facal  soluimte.  Air 
uairean  thig  eadar  thu  fhein  agus  daoine, 
ach  chan  e  sin  am  facal  a  tha  freagarrach 
air  do  shuidheachadh  an  uair  a  tha  thu  a' 
tionndadh  air  falbh  o  Dhia.  An  uair  a 
thionndas  tu  air  falbh  o  Dhia  tha  thu  a' 
cul-shleamhnachadh,  agus  is  ann  agadsa  a 
mhain  a  tha  a'  choire. 

Ged  nach  biodh  ann  ach  cho  furasda 
's  a  tha  e  le  daoine  agus  le  rioghlach- 
dan  un  diugh  am  boidean  a  bhris- 
eadh  ;  boidean  soluimte,  boidean  posaidh, 
boidean  eaglais,  boidean  sithe  eadar  riogh- 
achdan, bu  leor  an  fhianuis  sin  fhein  gu 
bheil  sinn  a'  ciil-shleamhnachadh  o  Dhia. 
An  uair  a  leugh  as  tu  ciod  a  tha  daoine 
ciallach  pongail,  a  tha  cleachte  ri  'm  briathran 
a  thomhas,  ag  radh  mu  staid  mhoralta  na 
diithcha,  a'  mheirle  agus  a'  mheaUtaireachd 
agus  an  neo-mhoraltachd  a  tha  dol  air 
aghaidh,  ainm  agus  la  an  Tighearna  air  am 
mi-naomhachadh  agus  coguisean  an  t-sluaigh 
a'  f^s  maol,  saoilidh  tu  gur  ann  ri  faidhean 
Israel  a  tha  thu  ag  eisdeachd,  a'  maoidheadh 
breitheanais  air  an  t-sluagh  agus  'gan  gairm 
gu  aithreachas. 


Aireamh  4 


1950 


Seachduin  na  Geusa 

"  0  sibhse  uile  tha  a'  gabhail  an  rathaid,  amhaircibh  agus  faicibh.  am 
bheil  bron  sam  bith  cosmhuil  ri  mo  bhron-sa." — -Tuireadh  leremiah  i. 

"  Pill,  o  m'  anam  gu  d'  shuaimhneas." — Salm  cxvi.  7. 


12. 


UAIR  a  dh'  fhaighnich  an  duine  caomh, 
agus  an  duine  diadhaidh,  ris  an  abradh  iad 
Rabbi  Duncan  de  chaileig  bhig  a  bha  anns 
an  sgoil,  "  C  aite  bheil  sibh  a'  leughadh 
anns  a'  Bhiobull  an  diugh  ?  "  fhreagair  a' 
chaileag,  "  tha  sinn  a'  leughadh  far  a  bheil 
e  air  innseadh  mu  na  nithean  a  thachair  do 
losa  Criosd  air  an  t-seachduin  mu  dheireadh 
d'a  bheatha." 

"  0  bhronag,"  arsa  Rabbi  Duncan,  "  b' 
e  sin  seachduin  nach  fhacas  a  leithid 
riamh  air  an  talamh,  agus  nach  fhaicear 
a  leithid  eile  gu  brath  "  ;  agus  an  sin 
dhichuimhnich  e  gu  buileach  a'  chaileag 
ris  an  robh  e  a'  bruidhinn,  agus  gach  ni 
eile  a  bhuineadh  do'n  t-saoghal  so,  is  thoisich 
e  air  bruidhinn  ris  fhein  mu  dhiomhaireachd 
na   diadhaideachd. 

Aig  an  am  so  de  'n  bhliadhna  tha  an 
Eaglais  a'  cur  inipidh  air  a  sluagh  iad  a 
chuimhneachadh  nan  nithean  a  dh'  f hulling 
Criosd  air  an  sgath  air  a'  chrann-cheusaidh 
agus  na  nithean  a  thachair  air  maduinn  na 
h-aiseirigh. 

Cuidich  leinn,  a  Thighearna,  uine  a 
ghabail  air  gach  Id  de  'n  t-seachduin  so  a 
dhol  air  a/r  gluinean  a'  d'ldthair  chum,  moladh 
agus  buidheachas  a  thabhairt  dhuit  air  son 
fulangas  agus  has  ar  Sldnuigheir  a  thug 
beatha  agus  neo-bhdsmhorachd  gu  solus  le 
cumhachd    'aiseirigh.     Amen. 


Sabaid  an  lolaich 

(  Air  an  Id  so  mharcaich  e  a  steach  do  'n  bhailc 
naomh) 

Feuch  tha  do  Righ  a'  tea^hd  a'  d'ionnsuidh 
gu  ciiiin  agus  e  'na  shuidhe  air  asail. — Mata 
xxi.  5. 

Hosanna  do  mhac  Dhaibhidh  :  bean- 
naichte  gu  robh  an  Ti  a  thig  ann  an  ainm  an 
Tighearna  ;  hosanna  anns  na  h-ardaibh. — ■ 
Mata  xxi.  9. 

Na'  m  b'  aithne  dhuit,  eadhon  dhuit-se, 
na  nithean  a  bhuineas  do  d'  shith !  ach  a 
nis  tha  iad  foluichte  o  d'  shuilibh. — Lucas 
xix.  42. 


Bheir  sinn,  a  Righ  's  a  Shlanuighear, 
Dhuit  cliu  is  gloir  gach  linn, 
Mar  sheinn  o  shean  a'  chlann  dhuit 
Gu  h-ait  hosanna  binn. 

Is  til  ard-uachd'  ran  Isracil. 
Mac  rioghail  Dhaibhidh  mlioir 
Tha  'teachd  an  ainm  an  Tighearna, 
Aon  bheannaicht' !   "  Righ  na  Gloir." 

A  Thighearn  losa,  a  ghuil  os  cionn  a' 
bhaih  naoirnh  agus  os  cionn  nan  daoine 
aig  nach  robh  fhios  gu  'n  robh  iad  dall,  na 
leig  leinn  a  bhi  'g  ar  mealladh  fMin,  ach 
fosgail  ar  suilean  agus  fosgail  ar  cridheachan 
chum  's  gu  'n  gabh-sinn  riutsa  a  tha  an  diugh 
a'  labhairt  ruinn  ann  an  ainm  an  Tighearna 
mar  ar  Righ.  agus  ar  Sldnuighear.     Amen. 


Di-luain  roimh'n  Chaisg 

{B'  e  so  an  Id  a  dh'  iomain  e  an  luchd-malairt 
a  much  as  an  teampull) 

Chaidh  losa  a  steach  do  'n  teampull 
agus  thoisich  e  air  an  dream  a  bha  a'  reic 
agus  a'  ceannach  's  an  teampull  a  chur  a 
mach. — Marc.  xi.  15. 

Goirear  tigh  urnuigh  de  m'  thigh -sa ; 
ach  rinn  sibhse  'n  a  gharaidh  luchd-reubainn 
e. — Mata  xxi.  13. 

Tha  teampull  Dhe  naomh,  agus  is  sibhse 
e. — -/  Cor.  Hi.  17. 

Thigibh  is  racliamaid  gu  Dia 

le  cridhe  tiamhaidh  broin 
Ged  pheacaich  sinn  ni  esan  iochd 

air  anmaibh  briste  leoint'. 

A  Thighearn  losa,  a  chuir  a  mach  d 
teampull  Dhe  an  dream  a  bha  'ga  mhi- 
naomJiachadh,  agus  a  theagaisg  dhuinn  le 
facal  an  abstoil  gur  e  ar  cridhe  teampull 
an  Athar,  cuir  a  mach  as  ar  cridheachan 
na  h-aoighean  agus  na  nithean  peacach  a 
tha  toirt  oilbheim  do  cZ'  shuil  chum  's  gu  'm 
hi  sinn  glan  'n  ar  cridhe  ;  iriosal  agus  stuama 
agus  bldth-chridheach.  Cuir  a  mach  as  ar 
cridhe  spiorad  na  marsantachd  agus  '  gaol 
buannachd,  air  eagal  gu  'n  saoil  sinn  gur 
mo  am  biadh  na  bheatha,  agus  gu'  m  hi 
ro-chiiram  oirnn  mu  nithean  nach  mair 
ach  seal.     Amen. 


SEACHDUIN  NA  CEUSA 


Di-mairt  roimh  'n  Chaisg 

( An  la  a  theagaisg  e  le  cosmhalachdan  soluimte) 
Dh'    iarr    na    h-ard-shagartan    agus    na 

sgriobhaichean    cionnas    a    ghlacadh    iad    e 

le  foill,  agus  a  chuireadh  iad  gu  bas  e. — • 

31  arc  xiv.  1. 

Ach  an  uair  bu  mhiann  leo  breith  air,  bha 

eagal  a'  phobuill  orra,  oir  bha  meas  faidh 

aca  air. — Mata  xxi.  46. 

Is  an-aoibhinn  do'n  duine  sin  le'm  brathar 

Mac  an  duine. — Mata  xxvi.  24. 

A  Dhe  na  bi-sa  fada  bhuam, 

oir  's  dluth  dhomh  trioblaid  theann  ; 

'S  gun  agam  neach  gu  in'  chuideachadh, 
no  aon  a  chuireas  leam. 

Do  chuartaich  uniam  nioran  thai'bh 
mu  m'  thimchioll  air  gach  laimh  ; 

Dh'  iadh  umam  tairbh  ro  laidir  borb 
am  Basan  bha  'nan  tamh. 

Mar  uisge  dhoirteadh  mise  mach, 
mo  chnamhan  sgaint'  o  cheil' ; 

Mo  chridh'  am  chom  an  taobh  a  stigh, 
air  leaghadb  ta  mar  cheir. 

A  Thighearna  losa.  a  labhair  air  co-ainm 
an  la  so,  cosmhalachdan  a  tha  toirt  breith  air 
an  eaglais  agus  air  an  t-saoghal,  cuidich 
leinn  a  bhi  furachail  agus  faicilleach  ann  an 
seirbhis  do  rioghachd,  air  eagal  gu  'n  tdisich 
breitheanas  aig  ar  tigh-ne,  agus  cuidich  leinyi 
a  bhi  dileas  do  Chriosd  agus  d'  a  eaglais  chum 
gu'  m  bi  ddchas  againn  aig  uair  ar  bais, 
gu  'n  gabhar  a  steach  sinn  maille  riut-sa 
ann  ad  aite  comhnuidh  air  neamh.     Amen. 


Di-ciadaoin  roimh  'n  Chaisg 

{Dh'  fhan  e  ann  am  Betani  ;  an  la  a  chaidh 
ludas  a  dh'  ionnsuidh  nan  sagartan 
gu  bhrath). 

Ghabh  iad  comhairle  le  cheile  clmm  losa 
a  ghlacadh  le  feall,  agus  a  chur  gu  bas. — 
Mata  xxvi.  4. 

B'  aithne  do  ludas  an  t-aite  ;  oir  thainig 
losa  gu  trie  an  sin  maUle  r'  a  dheisciobuil. — 
Eoin  xviii.  2. 

Agus  thubhairt  losa  ris,  "  ludais,  am 
bheil  thu  le  poig  a'  brath  Mhic  an  duine  ?  " — 
Lucas  xxii.  48. 

Tha  an  cridhe  cealgach  thar  nan  uile 
nithean. — leremiah  xvii.  9. 

'S  e  fulangas  mo  Shlannigheir 
A  bhios  mo  dhan  a'  luaidh. 
M6r  irioslachd  an  Ard-righ  sin 
'Xa  bhreitli  's  'na  bhas  ro  chruaidh  ; 
'S  e  'n  t-iongantas  bu  mhiorbhuilich' 
Chaidh  innseadh  riamh  do  shluagh, 
An  Dia  bha  ann  o  shiorruidhearhd 
Bhi  fas  'na  chiochran  t ruagh. 


A  Thighearna  losa,  a  chuir  seachad 
co-ainm  an  la  so  ann  an  samhchair  Bhetani, 
ag  ullachadh  V  anama,  ann  an  co-chomunn 
an  Athar,  air  son  an  fhulangais  agus  a' 
bhrdin  a  bha  a'  feitheamh  ort,  cuidich  leinn 
ciiisean  an  t-saoghail  a  leigeil  seachad  car 
greis  agus  ar  n-inntinnean  a  shocruchadh 
air  na  nithean  a  dh'  fhuiling  thu  air  an 
t-slighe  gu  Calbhari,  ceum  air  cheum,  chum 
's  gu'  m  bi  bron  diadhaidh  air  a  dhiisgadh 
annainn  air  son  ar  peacaidhean  a  thoill 
mallachd   DM.    Amen. 


Di-ardaoin  roimh  'n  Chaisg 

Chaidh  losa  o  Bhetani  gu  Jerusalem ; 
anns  an  fheasgar  anns  an  t-seomar  uachdrach 
nigh  e  casan  nan  deisciobul,  is  chuir  e  air 
chois  Sacramaid  na  Suipearach,  agus  air 
dhaibh  laoidh  a  sheinn,  chaidh  iad  a  mach  gu 
Sliabh  nan  Crann-olaidh,  far  an  do  ghleac 
losa  ri  Dia  ann  an  iiginn  anama  anns  an 
dorchadas. 

Le  mor  thogradh  mhiannaich  mi  a' 
Chaisg  itheadh  maille  ribh  roimh  dhomh 
fulang. — Lucas  xxii.  15. 

Deanaibh-se  so  mar  chuimhneachan  ormsa 
— ^Aithne  an  Tighearna. 

Is  mise  an  t-aran  beo  ^  thainig  a  nuas 
o  neamh. — Eoin.  vi.  51. 

A  Thighearna,  thoir  dhuinn  an  t-aran  so 
an  comhnuidh. — Eoin.  vi.  34. 

Mo  chorp-sa  briste,  amhuil  so 
feuch  bheir  mi  dhuibh  gu  saor, 

Oil'  air  bhiu"  son-sa  bhriseadh  e 
's  air  son  a'  chinne-daonn'. 

Glacaibh  is  ithibh  uime  sin, 

is  cuimhnichibh  mo  bhas, 
Gach  uair  a  ni  sibh  'n  obair  cheudn' 

'na  dheidh  so  gu  la  bhrath 

A  Thighearn  losa,  a  dh'iarr  air  na  deisciobuil 
fantuinn  maille  riut,  agus  faire  a.  dheanamh 
maille  riut  ann  an  Garadh  Ghetsemane, 
cuidich  leinn  a  h-uile  la  faire  agus  urnuigh 
a  dheanamh,  air  eagal  gu  'n  tuit  sinn  ann  am 
buaireadh  no  ann  an  cadal  spioradail,  agus 
cuidich  leinn  an  diugh  gu  sonruichte  anfh- 
annachd  na  feola  a  smachdachadh  chum  's 
nach  aom  cadal  no  suain  oirnn  am,  feadh  's 
a  tha  sinn  a'  cuimhneachadh  air  a'  chupan 
shearbh  a  dh'  dl  thiisa,  a  Shlanuighear  bheann- 
aichte,  air  gliaol  sinne  a  shaoradh.     Amen. 


SEACSDUIN  na  ceusa 


Di-haoine  na  Ceusa 

( Aig  naoi  uairean  's  a'  mhaduinn  bha  losa 
air  a  cheusadh,  ach  bha  an  anail  ann  gu 
tri  uairean  a  dh'  fheasgar,  an  uair  a  thug  e  a 
spiorad  suas   do   Dhia). 

A  nis  o  'n  t-seathamh  uair  bha  dorchadas 
ail-  an  tir  uile  gus  an  naoieamh  uair,  agus 
niu  thimchioll  na  naoieamh  uaire  dh' 
eigh  losa  le  guth  ard,  Mo  Dhia,  Mo  Dhia,  car 
son  a  threig  thu  mi  ?  — Mata  xxvii.  45-6. 
Bha  e  air  aireamh  am  measg  nan  ciontach, 
agus  thug  iadsan  a  bha  dol  seachad  anacainnt 
di,a,  a'  crathadh  an  cinn  agus  ag  radh, 
Foir  ort  fein  agus  thig  a  nuas  o  'n  chrann- 
cheusaidh.  Agus  mar  an  ceudna  thubhairt 
na  h-ard  shagartan  agus  na  sgriobhaichean 
ri  cheile,  a'  deanamh  fanoid  air,  Shaor  e 
daoine  eile,  chan  'eU  e  comasach  air  e  fein 
a  shaoradh. — Marc.  xv.  29-31. 

An  sin  thubhairt  losa,  Athair,  thotr 
maitheanas  dhaibh,  oir  chan  'eil  fhios  aca 
ciod  a  tha  iad  a'  deanamh. — Lucas  xxiii.  34. 

Thubhairt  losa,  Tha  e  criochnaichte, 
agus  air  cromadh  a  chinn  dha  thug  e  suas 
a  spiorad. — -Eoin.  xix.  30. 

Chaidh  daoine  dall  is  ceanairceacli 
Air  seachran  truagh  mar  threxid, 

Arh  ghiulain  Criosd  ar  n-easaontas 
Is  dhiol  ar  n-uile  bheud. 

"  Tha  'n  obair  criochnaicht'^^hasaich  Criosd 

air  son  a'  chiune-daonn', 
Loin-fhuasgladh  thug  e  dliuiiui  o  'n  blias  ; 

o  C'liuniliaolid  Shatain  shaor." 

A  Thighearn  ar  Dia,  ann  an  solus  a' 
chroinh-cheusaidh  tha  slnn  a'  faicinn  graineal- 
achd  uamhasach  a'  pheacaidh,  ach  ann  an 
solus  a'  chroinn-cheusaidh  tha  sinn  a'  faicinn 
do  thrdcair  iongantach  mar  an  ceudna. 
Dean  trdcair  oirnn  a  Dhia  nan  gras  ;  agus 
dednaich  gu  'n  nochd  sinn  trdcair  d'  ar 
brdithrean  >mar  tha  sinn  a'  faotainn  trdcair 
bhuait-sa.  Ann  an  stri  ar  beatha,  agus  aig 
uair  ar  bais,  agus  ann  an  la  a'  bhreitheanais, 
a   Thighearna,  cuirnhnicJi  trdcair.     Amen. 


Di-Ddmhnaich  C^sg 

( Air  maduinn  na  h-aiseirigh  dh'  dirich  an 
Tighearna  o  na  mairbh  ann  an  cumhachd 
na  beatha  shiorruidh  a  bha,  agus  a  tha, 
agus  a  bhitheas  ann  gu  brath). 

Na  bitheadh  eagal  oirbh  ;  tha  sibh  ag 
iarraidh  losa  o  Nasaret,  e  cheusadh ;  dh' 
eirich  e. — Marc.  xvi.  6. 

Agus  air  teachd  do  'n  fheasgar,  agus  na 
dorsan  duinte,  far  an  robh  na  deisciobuil 
cruirtn  air  eagal  nan  ludhach,  thainig  losa 
agus  sheas  e  's  a'  mheadhon,  agus  thubhairt 
e  riu,  Sith  dhuibh. — -Eoin.  xx.  19. 

An  sin  bha  aoibhneas  air  na  deisciobuil 
an  uair  a  chunnaic  iad  an  Tighearna. — 
Eoin.  ;ra;.  20. 

Failte  do  'n  la  'san  d'  eirich  Criosd 

le  cumhachd  nios  o  'n  uaigh ; 
'S  an  d'  fhuair  e  air  gach  uile  namh, 

air  ifreann  's  has  Ian  bhuaidh. 

Do  t'  ainm  ro  ard,  a  Thriath  nam  buadh, 

gach  uair  bheir  sinne  cliu, 
'S  le  'r  n-ait  hosanna  failtichidh 

an  la  'san  d'  eirich  thu. 

Ceud  failt  ort,  a  mhaduinn, 

A  mhaduipn  an  aigh  ; 

Chaomh  mhaduinn  gun  ghruaimean. 

Gun  smalan  gun  bhruaillean. 

Dhaibh  innis  gu'  m  fac'  thu 

Sar  ghaisgeach  nam  buadh, 

A'  mosgladh  's  a'  dusgadh 

0  'n  chadal  bu  cliiuin  ; 

Mar  mhaduinn  a  ghniiis-gheal. 

Gun  smiiirean,  gun  ghruaim  ; 

Gu  'n  chreachadh  's  gu  'n  spuinneadh 

An  uir  leis  's  an  uaigh.. 

A  Thighearn  losa  Criosd,  a  thug  dearbh- 
achd  dhaibh-san  aig  an  robh  gaol  ort  nach 
robh  cumhachd  aig  a'  bhas  thairis  ort,  meudaich 
ar  creideamh  agus  ar  gradh  chum  's  gy,'  m 
bi  dearbhachd  laidir  agus  shona  againn  gu 
bheil  thusa  a  ghnath  maille  ruinn,  agus  nach 
'eil  cumhachd  anns  am,  t-saoghal  comasach 
air  ar  sgaradh  bhuait,  no  comasach  air  a' 
bheatha  mhaireannach  a  tha  annad-sa  a 
mhuchadh  no  mharbhadh.    Amen. 


Fo  Chraobh   Sheudair 


GLE  thric,  an  uair  a  bhios  duine  marbh, 
cluinnidh  tu  daoine  eile  ag  radh  uime  nach 
robh  neimhaid  aige  anns  an  t-saoghal  ; 
nach  robh  fiu  h-aon  ;  molacLh  mor  am  beachd 
na  feadhnach  a  tha  'ga  thoirt  dha. 

An  urrainn  do  dhuine  aig  nach  'eil  namhaid 
anns  an  t-saoghal  a  choguis  fhein  a  bhi 
reidh  ris  ?  Nach  d'  thuii't  Criosd,  "  Is 
an-aoibhinn  dhuibh  nuair  a  labhras  daoine 
maith  umaibh."  Tha  cogadh  naomh  a' 
dol  air  aghaidh  gun  sgur  anns  an  t-saoghal 
agus    tha    e    mar    fhiachaibh    air    a    h-uile 


neach  anns  a  bheil  onoir  agus  duinealas 
agus  dilseachd  seasamh  a  mach  air  taobh 
Chriosd.  Tha  daoine  air  an  roinn,  cuid  air 
aon  taobh  is  cuid  air  an  taobh  eile,  ach  is 
e  a  mhain  an  fheadhainn  a  tha  gun  choguis 
bheo,  coma  co-dhiubh,  no  meagh-bhlath, 
no  leam-leat,  nach  dean  roghainn  c6  an 
taobh  air  am  bi  iad. 

Cha  robh  ach  coig  no  sia  theaghlaichean  coig- 
reach  ann  an  Ach-na-mara  air  taobh  an 
lar  Rois  ;  bha  an  corr  dhiubh  cau'deach  d'  a 
cheile,  ged  nach  'eil  sin  a'  ciallachadh  gu  'n 


FO  CHRAOBH  SffEUDAR 


robh  iad  reidh  no  sitheil  'nam  measg  fhein. 
Ach  na  'n  cuireadh  neach  eile  dragh  orra, 
no  tamailt  orra,  rachadh  iad  an  co-bheinn 
cho  luath.  ris  na  h-Eirionnaich,  agus  rachadh 
iad  uile  an  sas  'n  an  namhaid  cho  aon- 
sgeulach  agus  cho  guineach  ri  sgeap  sheil- 
leanan  no  nead  speachan. 

Mar  tha  Comhairle  na  Siorramachd  air  a 
deanamh  suas  an  diugh  tha  e  a'  tachairt 
gle  thric  gu  bheil  aon  fhear-dreuchd  a' 
tarruing  fear-dreuchd  eUe  as  a  dheidh  ; 
ministear  a'  tarruing  maighstir-sgoil  no 
maighstir-sgoil  a'  moladh  ministear  do  'n 
t-sluagh.  Sin  an  t-aobhar  gur  ann  o  Mhachair 
Rois  a  thainig  am  ministear  agus  am  maigh- 
stir-sgoil ann  an  Ach-na-mara,  da  ghille 
laidir  neo-eisiomaileach  nach  leigeadh  le 
tuath  no  tighearna  an  suaineadh  mu  'n 
corragan,  ged  bha  e  air  a  radh  nach  do 
shoirbhich  bailhdh  no  ministear  riamh  a 
chaidh  an  aghaidh  croitearan  Ach-na-mara. 

Tha  fhios  aig  an  t-saoghal  nach  'eil  na 
daoine  air  taobh  Shiar  Rois,  agus  na  daoine 
air  Machair  Rois  measail  air  a  cheile,  agus 
gu'  m  bi  iad  a'  magadh  air  each  a  cheile  ; 
muinntir  a'  Mhachair  ag  radh  mu  'n  fheadh- 
ainn  eile  (ris  an  abair  iad  na  Blues)  gu  bheil 
iad  leasg  agus  diomhaineach,  a'  cur  seachad 
a'  chuid  mhor  de  'n  latha  agus  de  'n  oidhche 
air  cheiUdh,  ag  innseadh  naidheachd  agus  a' 
smochdadh.  Their  na  Blues  nach  fhearr 
muinntir  a'  Mhachair  na  na  faimh,  fodha 
anns  an  talamh  agus  ann  an  obair  an  t- 
saoghail  gus  an  do  chaill  iad  an  gaol  air 
grinneas  is  modh  is  buadlian  laghach  eile 
a  tha  a'  dealachadh  an  duine  o  urraisg. 

B6  na  bantraich 

Fad  bhliadhnachan,  mata,  bha  an  aon 
dranndan  cogaidh  a'  sior  dhol  air  aghaidh 
eadar  muinntir  Ach-na-mara  agus  Mghr 
Porteous,  am  ministear,  agus  Mghr  Rose,  am 
maighstir-sgoil,  a  bha  gle  thric  air  a  tharruing 
a  stigh  do  'n  tuasaid  a  chionn  nach  b'  ann 
de  na  Blues  e.  Ach  cha  tainig  an  smiidan 
teine  so  gu  airde  gus  an  d'  fhuair  am  mart 
aig  bantrach  Choinnich  am  bas,  agus  an  robh 
Committee  air  a  cur  air  chois  a  thogail 
airgid  a  chuireadh  bo  eile  'na  h-aite. 

Bha  a'  cheud  chuid  a  dh'  obair  na  Com- 
mittee furasda  gu  leoir,  oir  bha  a  h-uile 
duine  duilich  air  son  na  bantraich,  aig  an 
robh  coignear  de  chloinn,  agus  bha  e  furasda 
gu  leoir  airgiod  a  chruinneachadh,  ged 
nach  robh  e  cho  pailt  's  a  tha  e  a  nis. 

B'  e  am  ministear  fear-cathrach  na  Com- 
mittee agus  am  maighstir-sgoil  an  cleireach  ; 
an  uair  a  bha  an  t-airgiod  air  son  a'  mhairt 
cruinn  bha  a'  Chommittee  air  fad  air  a 
gairm  (seachdnar  uile  gu  leir)  a  shocruchadh 
ciamar  a  gheibheadh  iad  am  mart.     Thuirt 


am  ministear  agus  am  maighstir-sgoil  gu'  m 
b'  aithne  dhaibh  cuid  mhaith  de  na  tuath - 
anaich  mhora  air  Machair  Rois,  a  bhiodh 
ann  an  lonar-Pheofharan  a  h-uUe  margadh, 
agus  gu  'n  robh  iad  an  dull  gur  e  an  doigh 
a  bu  shimplidhe  agus  a  bu  chinntiche  agus 
a  bu  lugha  cosduis  iarraidh  air -fear  no  dha 
dhiubhsan  bruidhinn  ris  an  Auctioneer, 
agus  eatorra  gu  'n  deanadh  iad  a'  chuid  a 
b'  fhearr  air  son  na  bantraich.  Ach  chan 
aontaicheadh  an  fheadhainn  eile  de  'n 
Chommittee  ris  a  so  idir,  agus  is  e  a  thainig 
as  air  a'  cheann  mu  dheireadh  gu  'n  robh 
fear  dhiubh  fhein  air  a  chur  air  leth  (chan 
ann  gun  bhruidhinn  no  gun  chuilbheartan) 
a  dhol  a  dh'  lonar-Pheopharan  a  cheannach 
na  ba.  An  e  nach  b'  aithne  dhaibh-san  bo 
a  thaghadh  cho  maith  ris  an  tuathanach 
air  Machair  Rois  a  b'  fharsuinge  bann  na 
brigis  aige  ?  Sin  a'  cheud  chaibideil  de  'n 
sgeul. 

Air  an  Ran-dan  an  lonar-Pheopharan 

Tha  an  ath  chaibideil  a'  toiseachadh  an 
uair  a  bha  a'  Chommittee  air  a  gairm  a  ris 
an  deidh  do  'n  teachdaire  a  chuir  iad  gu 
lonar-Pheopharan  tilleadh  air  ais  an  ceann 
seachduin  gun  am  mart  no  an  t-airgiod 
aige !  --Chan  e  mhain  gu  'n  robh  muinntir 
Ach-na-mara  uile  cairdeach  d'  a  cheile  ach 
bha  iad  cho  m.in  agus  cho  siobhalta  agus 
cho  faicilleach  nach  goirticheadh  iad  faireach- 
duinea.n  each  a  cheile  's  gu  'n  robh  each- 
draidh  na  seachduin  ud  an  lonar-Pheopharan 
air  a  f oluch .  ann  an  tosdachd  agus  ann  an 
duibhre  cho  tiugh  ri  tosdachd  agus  samh- 
chair  na  h-uaighe.  Cha  bhruidhneadh 
muinntir  an  aite  uime  ris  a'  mhinistear  no 
ris  a'  mhaighstir-sgoil  no  ris  na  coigrich, 
agus  ma  bhruidhneadh  iad  uime  'n  am  measg 
fhein  dheanadh  iad  e  ann  an  guth,cho  iosal 
ri  cagarsaich  shithichean.  Ach  air  a  shon 
sin  thainig  e  a  mach,  a  chuid  's  a  chuid, 
gu  'n  do  ghabh  teachdaire  na  Committee 
daorach^-uamhasach  ann  an  lonar-Pheoph- 
aran ann  an  tigh  osda,  agus  eadar  na  dh' 
61  e  agus  na  phaigh  e  air  seann  tractor  agus 
gramaphon  a  thug  e  dhachaidh  leis,  nach 
robh  dad  air  fhagail  a  dh'  airgiod  a'  mhairt. 

An  uair  a  choinnich  a'  Chommittee  bha 
e  furasda  fhaicinn  o  aodami  a'  mhinisteir, 
agus  gruaim  air  a  mhailghean  mar  gu'  m 
faiceadh  tu  air  stucan  eorrach  Shinai, 
nach  ruigeadh  Uisdean  Snxart,  a  dh'  uisnich 
dha  fhein  an  t-airgiod  a  dh'  earb  am  pobull 
ris,  a  leas  diiil  a  bhi  aige  gu'  m  faigheadh 
e  fathamas  o  'n  mhinistear,  a  bha  suidhichte 
air  a'  chuis  a  chur  ann  an  lamhan  a'  phoh'ce. 
An  uair  a  thuirt  e  sin  ri  each,  cha  deachaidh 
gin  dhiubh  leis  ach  am  maighstir-sgoil ;  bha 
na  Blues  uile  'na  aghaidh. 


FO  CHRAOBH  SHEUDAR 


Am  foirbheach 

"  Gnothuch  narach  a  bhiodh  ann  "  arsa 
Domhnvill  Cuimeanach,  "  na  'n  deanamaid. 
sin ;  cha  chuireamaid  dhinn  gu  brath  an 
naire,  gille  laghach  amis  nach  'eil  olc  a  chur 
an  cunnart  priosain  air  son  rudan  beaga 
suarach  mar  a  rinn  Uisdean,  rudan  a  dh' 
fhaodadh  duine  air^  bith  a  dheanadh  gun 
flxios  da."  "  Rud  beag  suarach!"  ars  am 
ministear,  "  An  abair  sibh  rud  beag  suarach 
ri  embezzlement,  sibhse  a  tha  'nai-  foirbheach 
anns  an  eaglais  ?  " 

"  Fuich,  Fuich  "  arsa  Domhnull,  "  chan 
'eil  an  sin  ach  facal  mosach  nach  toigh 
leam  idir  idir  idir  ;  facal  granda  air  nach 
bu  choir  dhuinn  a  bhi  bruidhinn  am  measg 
dhaoine  laghach  mar  a  tha  againn  an 
Ach-na-mara.  Cha  do  rinn  Uisdean  bochd 
embezzlement  mar  a  bhios  bancairean  agus 
cleirich  agus  luchd-lagha  a'  deanamh,  cha 
do  rinn  e  ach  a.  dhichuimhneachadh  nach 
b'  ann  leis  fhein  a  bha  an  t-airgiod  ;  rud 
a  dh'  fhaodadh  duine  air  bith  a  dheanamh 
gun  a  bhi  'na  dhroch  dhuine  no  ciontach 
de  pheacadh." 

Lean  a'  Chommittee  oirre  da  uair  an 
uaireadair  a'  deasbud  na  cuise  gun  tighinn 
gu  cordadh  ciod  a  dheanadh  iad.  Bha 
coig  an  aghaidh  dithis,  oir  cha  gheilleadh 
am  ministear  agus  am  maighstir-sgoil  o 
Mhachair  Rois  do  athchuinge  agus  pliodair- 
eachd  chaich  nach  robh  e  grinn  an  lagh 
a  chur  an  sas  ann  an  coimhearsnach  'na 
eiginn,  no  inisg  a  chur  air  a  theaghlach  is 
air  a  dhaoine,  no  tamailt  air  a'  bhaile  anns 
an  do  thogadh  e,  le  e  bhi  air  a  thoirt  do 
Chilirt  air  beulaibh  Siorram  mar  gu'  m 
bu  duine  e  a  rinn  cron  m.6r. 

Thuirt  am  ministear  nach  bu  leor  dhaibh 
a  bhi  smuaineachadh  air  naire  muinntir  a' 
bhaile  ;  a  reir  coltais  nach  robh  mothachadh 
aig  a'  ghille  no  aig  athair  gu  'n  do  pheacaich 
e,  no  rim  'nan  cridhe  air  an  airgiod  a  phaigh- 
eadlx  air  ais.  Bha  e  fhein  a'  bruidhinn  riu 
uair  no  dha  mu  'n  ghnothuch  agus  b'  e  sud 
an  inntinn  anns  an  robh  iad,  nach  ann 
orrasan  ach  air  a'  Chommittee  a  bha  e  mar 
fhiachaibh  an  t-airgiod  a  chur  'na  aite 
fhein  agus  mart  fhaotainn  do  bhantrach 
Choinnich.  An  sin  thoisich  deasboireachd 
agus  laghaireachd  a  bheireadh  ort  a  shaoilsinn 
gu  'n  robh  Sanhedrim  nan  ludhach  cruinn, 
agus  gu  'n  robh  sgoil  Hillel  agus  sgoil 
Shammai  air  tighinn  beo  as  ur  ;  eagal  air 
dithis  de  'n  Chommittee  gu  'n  rachadh  an 
ciontach  as  gun  pheanas  ;  nach  biodh 
ceartas  air  a  dheanamh,  no  lagh  Dhe  is 
dhaoine  air  a  sheasamh  is  air  fhireanachadh 


gu  follaiseach,  agus  eagal  air  a'  choignear 
eile  ciod  a  theireadh  muinntir  a'  bhaile 
na  'n  treigeadh  iad  gnaths  na  duthcha  agus 
na'  m  biodh  iad  cruaidh  air  duine  d'  an 
daoine  fhein  a  bha  'na  eiginn.  "  Cha  tugainn 
ho-ro  air  duine  nach  b'  aithne  dhomh  a 
chur  do  'n  phriosan,"  arsa  Dtighall  MacGhill- 
eathain,  "  ged  a  bhiodh  e  ann  gus  an  dubhadh 
fhiaclan ;  Eirionnach  no  Leodhasach  no 
Sasunnach,  ach  fear  d'  ar  daoine  fhein  a 
chur  do  'n  phriosan,  duine  as  aithne  dhuinn 
athair  's  a  mhathair  's  a  sheanair,  sin  rud 
eile,  cha  bhiodh  e  laghach." 

"  Ach  bhiodh  e  ceart  "  ars  am  maighstir- 
sgoil. 

An  sin  as  a  sheasamh,  agus  gun  smuaineach- 
adh air  roimh  laimh,  thilg  Dughall  an  aon 
bhioran  a  thilg  e  riamh  ann  an  Coire- 
bhreacain  na  Diadhaireachd,  "  An  urrainn," 
ars  esan,  "  rud  a  bhi  ceart  mur  bheil  e 
laghach  ?  " 

Deireadh  a'  ghnothuich 

Tha  a'  chaibideil  mu  dheireadh  na  's 
giorra  na  each.  Ged  nach  robh  Domhnull 
Cuimeanach  am  foirbheach  cho  teann  air 
peacaich  ris  a'  mhinistear  bha  e  uasal 
agus  onorach,  agus  eadar  an  dithis  aca 
agus  dha  no  tri  eile  bha  a  h-uile  sgillinn 
de  'n  airgiod  a  sgap  Uisdean  Smart  gu 
struidheil  air  a  chur  cruinn  a  ris,  agus  bo 
mhor  ghorm  air  a  ceannach  do  bhantrach 
Choinnich.  Fhuair  Uisdean  Smart  tri 
miosan  priosain,  is  bha  a  chairdean  uile 
cho  duilich  air  a  shon  's  gu  'n  do  chruinnich 
iad  airgiod  an  uair  a  thainig  e  mach  a 
thoirt  dha  an  teisteanais  a  dhiult  am  ministear 
dha.  Leis  an  airgiod  sin  thoisich  e  air 
buth,  agus  anns  a'  bhuth  shoirbhich  e 
gu  neo-ghann,  ach  cha  robh  e  cho  uasal  ri 
Saccheus  agus  cha  do  thairg  e  riamh  an 
t-airgiod  a  ghoid  e  a  thoirt  air  ais.  Chaill  am 
maighstir-sgoil  agus  am  ministear  fabhar 
agus  gean-maith  an  t-sluaigh,  agus  an 
taobh  a  stigh  de  dha  bhliadhna  thog  iad  an 
cairtealan  is  chaidh  iad  a  dh'  aite  eile, 
fear  dhiubh  do  Ghallaibh  is  am  fear  eile 
gu  Machair  Rois,  far  an  robh  ceud-fathan 
an  t-sluaigh,  tre  ghnathachadh  fada,  air  an 
cleachdadh  ri  eadar-dhealachadh  a  chur 
eadar  maith  agus  olc.  B'  e  a'  chiiis-ghearain 
a  bu  mhiosa  a  bha  aig  cuid  dliiubh  an  aghaidh 
Mghr  Porteous  gu  'p  do  dhiult  e  teisteanas 
a  thoirt  do  Uisdean  Smart  roimh  la  na 
ctiirte  "  gu  'n  robh  e  onorach  agus  fo  dheagh 
chliii  gun  smal  air  ainm."  "Co,"  ars  iadsan, 
"  ach  duine  durbhaidh  gun  iochd  a  dhiultadb 
fabhar  beag  mar  sin  do  dhuine  'na  eiginn 
aig  an  robh  ri  ciiirt-lagha  a  sheasamh  ?  " 


Anns  a'  Chathair 

Leahhar    Aithghearr  Tian    Ceist 


FHUAIR  mi  an  la  roimhe  leabhxan  beag 
a  bha  air  a  sgriobhadh  le  Professor  Alasdair 
Ros  B.D.  agus  an  t-Urramach  Dombnull 
MacFhionghuin  B.Ped.,  ministearan  de  'n 
Eaglais  Shaoir,  ag  innseadh  mar  bha  Leabhar 
Aithghearr  nan  Ceist  air  a  chur  ri  cheile, 
agus  mar  bha  e  air  a  thionndadh  gu  Gaidhlig. 
Paodaidh  duine  sam  bith  a  leughas  an 
leabhran  so  a  bhi  cinnteach.  gu  bheil  an 
obair  air  a  deanamh  gu  cothromach  agus 
gun  mhearachd  (ma  ghabhas  sin  a  bhith) 
oir  tha  an  da  sgoilear  a  rinn  i  comharraichte 
air  son  na  h-ealain  a  tha  aca  air  seana 
chnamhan  a  chladhach  as  -an  talamh  agus 
an  fhirinn  a  thoirt  a  dh'  ionnsuidh  an  t-soluis. 

Chan  'eil  feum  aig  Leabhar  Aithghearr 
nan  Ceist  air  a  mholadh,  oir  faodar  a'  cheart 
rud  a  radh  uime  a  tha  air  a  radh  mu  'n 
Bhiobull,  "  gu  bheil  e  tarbhach  chum 
teagaisg  agus  chum  oilein  ann  am  firean- 
tachd  "  Sin  an  t-aobhar  gu  robh  e  air  a  chur 
ri  cheile  an  toiseacb,  a  theagasg  clann  .an 
Ath-leasachaidl'j  ann  am  firinnean  mora 
an  t-goisg3il  agus  ann  an  teagasg  na  h -eaglais. 
Bha  moran  de  leabhraichean  cheist  a'  sgiath- 
alaich  mu  'n  cuairt  mu  'n  am  ud  (eadar 
1560  agus  1650)  ach  bha  beatha  na  b' 
fhaida  aig  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist 
na  bha  aig  gin  dhiubh  a  chionn  gii  robh 
e  na  b'  fhe^rr.  Ghabh  Ard-Sheanadh  Eaglais 
na  h  Alba  ris  ann  an  1648  anns  na  briathran 
so  ;  "  air  do  'n  t  Seanadh  dol  thairis  air 
an  leabhar  gu  ciiramach  tha  e  de  'n  bheachd 
gu  bheil  a  theagasg  a  reir  Facal  Dhe,  agus 
nach  'eil  dad  ann  a  tha  dol  an  aghaidh 
teagasg,  modh-aoraidh,  riaghladh,  agus 
smachd  na  h-eaglais ;  agus  mar  sin,  tha 
an  Seanadh  a'  gabhail  ris  an  leabhar  gu 
bhi  air  uisneachadh  mar  leabhar-ceasnach- 
aidh  anns  an  eaglais." 

Is  bochd  an  airidh,  gu  'n  do  stad  an  eaglais 
de  'n  chleachdadh.  mhaith  so,  a  bhi  teagasg 
an  t-sluaigh  aig  coinneamhan-cheist,  ach 
a  bhi  'ga  dheanamh  an  taobh  a  stigh  d'  a 
co-chomunn  fhein.  Chuireadh  tu  a'  chuid 
mhor  de  shluagh  na  h-Alba  gu  naire  fholl- 
aisich  na  'n  toisicheadh  tu  air  an  ceasnachadh 
a  thaobh  an  eolais  a  tha  aca  air  a'  Bhiobull 
agus  air  teagasg  a'  Chreidimh  Chriosdaidh. 

Tha  fhios  aig  an  t-saoghal  gur  ann  o 
dhiadhairean  Westminster  a  fhuair  sinn 
Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist ;  cleas  iomadh 
rud  maith  eile  a  tha  againn  thainig  e  oirnn 
mar  dhileab  a  Sasunn.  Anns  an  leabhran 
so  chruinnich  Professor  Ros  cuid  de  'n 
fhianuis    a    tha    caochla    dhaoine    a'    toirt 


mu  'n  bhuaidh  a  bha  aig  Leabhar  nan  Ceist 
troimh  na  linntean  ann  a  bhi  ag  arach  an 
Albainn  sluagh  laidir  agus  diadhaidh  a 
bha  daonnan  a'  cumail  fa  chomhair  an  sul 
crioch  araidh  mhic  an  duine.  Tha  e  ag 
innseadh  ciod  a  thuirt  an  t-Ollamh  Cunning- 
ham a  bha  ann  an  Cill  Rimhinn  uime, 
"  gur  e  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  an 
obair  a  b'  fhearr  a  chuir  diadhairean 
Westminster  as  an  lamhan  ;  gu  bheil  simplidh- 
eachd  agus  doimhneachd  a'  pogadh  beul 
ri  beul  ann;  agus  gu  bheil  e  cho  soUleir 
agus  cho  ordail  'na  theagasg,  agus  air  a 
thathadh  ri  cheile  cho  teann  's  gu  'n  do 
gheuraich  e  innttnn  sluagh  na  h-Alba  cho 
cinnteach  's  a  thug  e  cumadh  is  dreach 
d'  an  creideamh."  Moladh  mor,  oir  cha 
robh  e  furasda  blaths  no  teas  a  chur  ann  an 
Iain  Cunningham,  no  toirt  air  a  bhasan  a 
bhualadh. 

Moody  agus  am  balach 

Tha  e  air  innseadh  cuideachd  mu  choin- 
neamh  anns  an  robh  D.  L.  Moody  a' 
searmonachadh  an  aiteigin  an  Albainn  mu 
urnuigh.  B'  e  a'  cheud  fhacal  anns  an 
t-searmon,  Ciod  e  iirnu.igh  ?  Bha  balach 
'na  shuidhe  aii-  a  bheulaibh,  agus  leis  a' 
chleachdadh,  an  iiair  a  chuala  e  a'  cheist, 
thog  e  a  lamh  a  leigeil  fhaicinn  gu'  m  b' 
aithne  dha  an  fhreagairt. 

"  Seadh,"  arsa  Moody,  "  Ciod  e  lu'nuigh  ?  " 

Dh'  eirich  am  balach  'na  sheasamh,  agus 
gun  mhearachd  facail  thubhairt  e  "8  i 
urnuigh  bhi  cur  suas  ar  n-athchuinge  ri 
Dia  air  son  nithe  a  rdir  a  thoile,  ann  an 
ainm  Chriosd,  ag  aideachadh  ar  peacaidh, 
agzis  a'  toirt  buidheachais  dha  air  son  a 
thiodhlacan."  'Sea  thuirt  Moody  ris,  "  Bi 
taingeil,  a  bhalaich,  gur  ann  an  Albainn  a 
rugadh  tu." 

'Tha  moran  de  'n  chloinn  an  Albainn  an 
diugh  nach  fhaca  Leabhar  Aithghearr  nan 
Ceist  riamh,  oir  chan  'eil  e  a  nis  air  a  theagasg 
ann  an  cuid  de  na  sgoilean,  agus  cha  mho 
a  tha  e  air  a  theagasg  anns  a  h-uUe  sgoil- 
Shabaid.  'S  e  an  leabhar  cheist  a  tha  air 
a  theagasg  ann  am  m6ran  sgoilean  a  nis  an 
Leabhar  Cheist  iir  a  tha  air  a  chur  'na  aite 
a  chionn  gu  robh  maighstearan-sgoile  a' 
cumaU  a  niach  gu  robh  Leabhar  Aithghearr 
nan  Ceist  ro  dhuilich  air  son  cloinne  ;  nach 
robh  iad  a'  tuigsinn  an  treas  facal  dheth 
ged  bha  iad  'ga  ionnsachadh  air  an  teangaidh, 
agus  nach  robh  feum  ann  do  dhuine  no  do 
phaisde  rud  nach   'eil  e  a'  tuigsinn  a  bhi 


ANNS  A'  CHATHAIR 


aige,  mar  phiorraid,  air  a  theangaidh.  A 
bheil  thu  cinnteach  ?  Co  is  urrainn  sin  a 
radh,  ? 

Ann  a,n  1904,  ma  's  maith  mo  chuimline, 
dh'  iarr  Eaglais  na  h-Alba  air  na  h-eaglaisean 
Ath-leasaiclite  eUe  dol  cruinn  feuch  an 
rachadh.  aca  air  leabhar  simplidh,  a  chur  a 
mach,  a  bhiodh  freagarraeh  a  theagasg 
cloinne  arm.  am  fii'innean  a'  Chreidimh 
Chriosduidh,  agus  a  bhiodh  freagarraeh  air 
a'  chloinn  uUe,  ciod  air  bith  an  eaglais 
d'  am  buineadh.  iad.  Tha  an  leabhar  sin  a 
nis  air  uisneachadh  ann  am  moran  sgoilean 
agus  le  moran  de  luchd-teagaisg  pongail 
an  aite  an  leabhair  eile.  (Is  e  an  fhirinn 
gu  'n  teid  aig  fear-teagaisg  maith  air  teagasg 
a  leabhar  air  bith  ;  threabhadh  e,  is  leasaich- 
eadh  e,  is  dh'  uisgicheadh  e  inntinnean 
cloinne  le    Almanac  Moore). 

Tha  mi  a'  faicinn  nach  toigh  le  Professor 
Ros  an  leabhar  iir,  agus  nach  bu  toigh 
leis  an  Ollamh  Iain  MacLeoid  nach  maireann, 
Ceann  Collaist  na  h-Eaglaise  Saoire,  e  na'  s 
mo.  Tha  e  ag  radh  gu  robh  e  marbh  'ga 
bhreith.  Ud !  Ud !  cha  robh ;  cha  b' 
urrainn  e  bhi  marbh  'ga  bhreith  ;  laimh- 
sich  mise  an  creutair  beag  laghach  iomadh 
bUadhna  an  deidh  dha  tighinn  gu  lan-aois, 
agus  tha  fhios  agam  gu  bheil  e  air  a  theagasg 
ann  an  sgoUean  as  aithne  dhomh  fhathast, 
is  tha  mi  cmnteach,  ma  dh'  ionnsaicheas  a' 
chlann  e  nach  a  cron  ach  maith  a  ni  e  dhaibb . 
Mar  sin  tha  e  ro  thrath  do  Professor  Ros 
a  radh  "  gu  'n  do  thriall  e  a  steach  do 
dhuiblire  an  dorchadais  gu  siorruidh." 

Air  mo  shon  fhein  dheth,  's  fhearr  learn 
Leabhar  Aithghearr  ilan  Ceist,  ach  cha 
bu  mhaith  learn  a  ghabhail  orm  fhein  a 
radh  gur  ann  gun  aobhar  a  tha  maighstirean- 
sgoile  tiirail  ag  iarraidh  leabhar  as  simplidhe 
na  leabhar  a  their  ri  paisdean,  'Se  peacadh 
na  staid  sin  anns  an  do  thuit  an  duine,  a 
bhi  fo  chionta  ceud  pheacadh  Adhaimh,  fo 
easbhuidh  na  ceud  fhireantachd,  agus  fo 
thruaillidheachd  a  naduir  gu  h-iomlan,  ri  'n 
goirear  peacadh  gin  ;  maille  ris  gach  peacadh 
gnlomh  a  tha  sruthadh  uaith  so.  Faodaidh 
Professor  so  a  thuigsinn,  ach  ciod  a  ni  paisde 
dheth  ? 

Air  a  thionndadh  gu  Gaidhlig 

Anns  an  dara  h-earrann  de  'n  leabliran 
so  tha  an  t-Urramach  DomhnuU  Mac 
Fhionguin,  an  Ceannbhagh,  am  Fiobh,  ag 
innseadh  mu  'n  obair  mhor  is  fhiachail  a 
rinn  Seanadh  Earra-Ghaidheal  le  blii  tionn- 
dadh  leabhraichean  diadhaidh  gu  GaidhUg 
agus  'gan  cur  a  mach  chum  feum  an  t-sluaigh . 
Anns  a'  Mhagh  1649  shuidhich  an  Seanadh 
so  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  a  chnr  a 
mach    an    Gaidhlig,    is    chuir   iad    air    leth 


seachd  ministearan  a  dheanadh  na  h-oibre, 
ach  bha  iad  cho  mairnealach  agus  bha 
uiread  bruidhne  mu  'n  chilis  's  nach  robh 
an  leabhar  air  a  chur  an  clodh  gu  1653. 
Tha  Mghr  MacFhionghuin  ag  radh  gur  ann 
aig  Dughall  Caimbeul,  an  Cnapadal,  agus 
aig  Eoghan  Camshron,  an  Dim-obhainn  a 
bha  an  lamh  bu  mhotha  ann,  agus  gu  bheil 
ceud  gu  leth  bliadhna  o  nach  'eil  sgial  air 
fear  dhiubh. 

Cluinnear  guth  an  drasd  is  a  rithist  am 
measg  Ghaidheal  a  bhuineas  do  'n  eaglais 
Phapanach  no  do  'n  eaglais  Easbuigeach 
ag  radh  nach  robh  an  eaglais  Chleireachail 
idir .  baigheil  ri  litreachas  na  Gaidhlig  ;  ach 
na  'n  leughadh  iad  an  leabhran  so  chitheadh 
iad  nach  'eU  facal  f irinn  an  sin ;  chitheadh 
iad  an  dealas  agus  an  t-eud  a  bha  ann  an 
Seanadh  Earra-Ghaidheal  Gaidhlig  uisneach- 
adh ann  an  teagasg  an  t-sluaigh.  Eadar 
1659  agus  1767  bha  Leabhar  Aithghearr 
nan  Ceist  air  a  chur  a  mach  ochd  uairean 
le  Seanadh  Earra-Ghaidheal,  agus  eadar 
1767  agus  1843  bha  e  air  a  chur  a  mach  os 
cionn  da  fhichead  uair,  agus  fad  na  h-Mne 
sin  b'  e  an  tobar,  anns  an  sgoil  agus  anns  an 
dachaidh,  as  an  robh  daoine  a'  tarruing  eolas 
slainteil,  ach  leis  an  robh  iad  ag  ionnsachadh 
leughaidh  agus  a'  geurachadh  an  inntinnean 
cuideachd. 

Ann  an  tonihas  mor  's  e  Gaidhlig  Earra- 
Ghaidheal  a  tha  againn  ann  an  leabhraichean 
naomh  na  h-eaglais,  am  Biobull,  na  Sailm, 
na  Laoidhean,  agus  moran  de  leabhraichean 
crabhach  a  bha  air  an  tionndadh  o  "n  Bheurla, 
ach  tha  Mghr  MacFhionghuin  de  'n  bheachd 
(ged  is  Tuathach  e  fhein)  nach  misd  ach 
gur  fheairrd  iad  sin,  a  chionn  gu'  m  b' 
aithne  do  sheann  diadhairean  Earra-Ghaidh 
eal  Gaidhlig  a  sgriobhadh  le  loinn  is  eireachdas. 

Cha  robh  fhios  agam  nach  bu  toigh  le 
muinntir  an  taobh  Tuath  an  leabhar  so 
mar  bha  e  air  a  chur  a  mach  leis  an  Ollamh 
Smith,  an  Ceann  Loch  Chiarain,  a  chionn 
gu  robh  amharus  aca  nach  robh  e  fallain 
anns   a'   chreideamh. 

Cha  d'  ionnsaich  mise  riamh  Leabhar 
Aithghearr  nan  Ceist  ann  an  Gaidhlig  ;  is 
ann  am  Beurla  a  bha  e  agam  air  mo  thean- 
gaidh. 

Tha  Mghr  MacFhionghuin  a'  caoidh  gu 
goirt  nach  'eil  am  meas  air  an  leabhar 
fhiachail  so  aims  a'  Ghaidliealtachd  an 
diugh  a  bha  air  aig  aon  am,  agus  c6  aige 
tha  fhios  nach  e  so  an  t-aobhar  gu  'n  do 
chuir  na  li-Eileanan  an  lar  Socialist  do  'n 
Pharlamaid.  Tha  e  toirt  oilbheum  do  na 
Socialists  urram  no  inbhe  no  airgiod  a 
bhi  aig  aon  duine  nach  'eil  aig  daoine  eile, 
ach  chan  'eil  sin  'na  oilbheum  do  Leabhar 


8 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Aithghearr  nan  Ceist  a  tha  teagasg  gu 
bheil  urram  agus  dleasdanas  a  bhuineas  do 
gach  neach  anns  gach  inbhe  agus  daimh  am 
bi  iad,  ma  's  ann  an  inbhe  ard,  no  an  inbhe 


iosal,  no  an  coimeas  inbhe.  Chan  'eil  teagasg 
nan  Socialists  agus  "  superiors,  inferiors 
agus  equals  "  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist 
a'  freagairt  ro  mhaith  air  a  cheile. 


Teachdairean  an  Cein 

Leis  an    Urramach    Galum  MacOilleathain,   M.A.,   Conan. 


BHA  latha  geal,  grianach  an  Conan  an  so, 
agus  triiiir  Ghaidheal  'nan  seasamh  cuideachd 
air  an  iirlar — -MacCoinnich,  MaoAoidh  agus 
an  Sutharlanach,  ministearan  Gaidhealach 
agus  teachdairean  an  cein.  Is  ann  anns  a' 
mhansa  an  Cille-mo-Naomhaig  a  thogadh 
an  Sutharlanach  agus  is  ann  an  India  a 
chuir  e  seachad  a  latha.  Bha  e  'na  dhuine 
air  leth  suairc  is  grinn  air  gach  doigh.  B'  e 
Sage  a  bha  an  Resolus  a  sheanair,  an  duine 
feumail  a  dh'  fhag  "  Memorabilia  Domestica  " 
againn,  leabhar  nach  dean  duine  a'  chilis 
as  aonais  a  bhios  air  son  eachdraidh  na 
Gaidhealtachd  an  Albainn  a  bhi  cruinn, 
ceart  aige.  Agus  gun  fhios  nach  coir  lorg 
a  bhith  air,  so  sios  agaibh  ni  de  na  nithean 
a  dh'  innis  an  t-ogha  dhomhsa.  Bha  nithean 
aig  a  sheailair  sgriobhte,  agus  cha  deach 
an  cur  'san  leabhar  air  eagal  gu  'n  deanadh 
iad  dragh  do  mhuinntir  eile  bha  beo.  Mar 
sin,  chan  'eil  anns  an  leabhar  ach  cuid  de 
na  sgriobh  Sage.  Ach  so  an  ni  gu  h-araid 
bu  mhaith  learn  innseadh,  gu  bheil  sgriobh - 
ainnean  sin  Mgr  Sage  a  nis  an  America ! 
Thainig  feadhainn  thairis  a  bha  cairdeach 
do  mhathair  an  t-Sutharlanaich  agus  chaidh 
na  sgriobhainnean  a  thoirt  am  follais, 
agus  dh'  fheumadh  na  cairdean  sin  an  tasg 
a  thoirt  led  dhachaidh  gu  sealladh  a  thoirt 
dhi  do  chairdean  eile  ;  agus  chaidh  innseadh 
dhomhsa  nach  do  thill  sin  air  ais  riamh 
tuilleadh.  Agus  ma  is  ann  mar  sin  a 
tha,  tha  call  air  litreachd  ar  dtithcha  nach 
beag. 

Is  e  an  treas  fear  a  bha  ann  Uilleam 
MacAoidh,  a  chaochail  an  Sgobhraidh  ri 
linn  a'  chogaidh  mu  dheireadh,  duine 
laghach,  coir  air  leth,  ged  a  bha  e  nadurrach 
dha  a  cheum  fhein  a  ghabhail — bha  e  fada 
'na  cheann  agus  'na  itil  do  na  daoine  thall 
rathad    Eilean    Santo. 

Is  ann  de  mhuinntir  an  Uillt-Bheatha, 
an  Siorrachd  Rois,  a  bha  MacAoidh.  Tha 
cuimhne  agam  gu  'n  tug  MacAoidh  sinn  uile 
a  mach  do  'n  gharadh  a  dhearbhadh  do  Mhac 
Coinnich  gu  'n  robh  doigh  air  uisge  a  lorg 
f  o  thalamh  le  slait !    Sheas  e  os  cionn  aon 


aite  agus  thuirt  "  Ma  chladhaichear  an  so, 
tha  an  t-uisge  direach  shios  an  sin."  Cha 
tugadh  MacCoinnich  aon  gheill  da !  Ach 
cha  do  ghabh  an  Sutharlanach  gnothuch 
air  thalamh  ris  an  ni,  ach  gu  'n  tug  e  cluas  gu 
eisdeachd  daibh  agus  siiil  gu  faicinn.  Agus 
nach  e  sin  a  b'  fhearr  ?  Bha  Mgr  MacAoidh 
'na  dhuine  laidir.  Bha  moran  de  ghne  an 
leigh  ann.  Ghabh  e  an  tinneas  gle  mharbh- 
teach  air  a  bheil  Black-water  Fever  tri 
uairean  'na  bheatha,  agus  thainig  sin  air 
an  .treas  turns  an  Glasehu.  Cha  deanadh 
an  dochtair  a  mach  de  bha  cearr,  agus  tha 
mi  an  diiil  gun  robh  Uilleam  air  a  chainnt 
a  chall.  Dh'  innis  iad  do  'n  dochtair,  ma 
ta,  de  bha  Uilleam  ag  radh  bu  choir  a 
dheanadh  ris,  agus  thuirt  am  fear  eile, 
"  chan  'eil  dad  as  fhearr  na  a  chomhairle 
a  ghabhail."  Thainig  Mgr  MacAoidh 
bhuaidhe,  agus  chuir  an  leigh  iomraideach, 
an  Ridire  Rosach,  an  Lunnainn,  fios  air, 
agus  e  air  cluinntinn  mar  a  thachair.  Dh' 
innis  an  Caoidheach  facal  air  an  fhacal  dha, 
agus  thuirt  an  Rosach,  aig  deireadh  an 
t-seanchais,  "Is  e  an  sean  Ghaidheal  buan 
a  tha  annad!  "  Duine  laghach  ris  an  do 
thachair  moran.   B'  fhior  thoigh  leam  e. 

Agus  a  nis,  nach  fhaod  mi  innseadh  do 
bhur  luchd-leughaidh  gur  e  iar-ogha  do  'n 
Urramach  Iain  Domhnallach,  D.D.  (Domb- 
nallach  an  Toiseachd)  a  bha  ann  an  David 
MacDonald  a  bha  'san  Record,  air  ciil  a' 
Bhiobuill  a  bha  air  a  thionndadh  gu  canain 
araid  an  Tibet !  Bha  esan  cuide  ruinn  tamull, 
agus  bhruidhimi  e  'san  eaglais  agus  deoin- 
bhaigh  aige  a  bhith  air  innseadh  gu  'n  do 
shearmonaich  e  'san  aite  anns  an  robh  a 
shin-seanair  ainmeil  aca.  Tha  David 
MacDonald  eadar  a  bhi  buidhe  is  geal, 
agus  anns  a'  chraicionn  is  ann  ris  na  daoine 
thall  as  coltaiche  e,  ged  a  tha  seorsa  de 
chumadh  Albannach  air  an  aghaidh  aige. 
Thuirt  e  rium  gu  'n  robh  brathair  aige  a 
bha  ruadh  'san  fhalt  agus  cho  ban  riut 
fhein  'san  aghaidh.  Gabhaidh  sin  creidsinn, 
gun  teagamh.  Is  e  fior  dhuine  dicheallach 
a  tha  'san  Domhnallach  so  an  Tibet. 


Aireamh  5 


1950 


So  uile  ann  an  Criosd 

Is  leibhse  na  h-iiile  nithean  :  wa  '<s  e  Pdl,  no  Apollos,  no  Cephas,  no  an 
saoghal,  no  beatha,  no  has,  no  nithean  a  tha  lathair,  no  nithean  a  tha  ri 
teachd  :     is  leibhse  iad  uile  ;    agus  is  le  Criosd  sibhse,  agus  is  le  Dia  Criosd. 

—1  Corint.  iii,  22-23. 


ANN  an  Tunis  a'  Chriosduiclh  tha  Iain 
Bunyan  ag  innseadli  mu  'n  t-seanchas  a 
bha  eadar  Ciatach  agus  Criosduidh  an 
uair  a  thainig  iad  gu  fearann  na  Druidheachd, 
duthaich  a  bha  ullamh  gu  daoine  a  dheanamh 
cadalach.  Bha  Ciatach  a'  fas  cho  trom  's 
gur  gann  a  b'urrainn  dha  a  shuilean  a 
chumail  fosgailte,  agus  thuirt  e  ri  Criosduidh, 
"  Leigeamaid  'nar  sineadh  agus  deanamaid 
beagan  cadail." 

Criosduidh. — "  Cha  leig  idir,  air  eagal 
ma  chaidleas  sinn  nach  dtiisg  sinn  am 
feasd." 

Ciatach. — "  Car  son,  a  bhrathair  ?  Tha 
'n  cadal  milis  do  'n  fhear-oibre,  agus  bKeir- 
eadh  e  iirachadh  dhuinn  dtisal  beag  dheth 
fhaotainn." 

Criosduidh. — "  Nach  cuimhne  leat  gu  'n 
d'  thiibhairt  fear  de  na  buachaillean  ruinn 
a  bhi  air  ar  faicill  roimh  Fhearann  na 
Draoidheachd !  'S  e  bha  e  a'  ciallachadh 
leis  a  sin  nach  caidleamaid  ann.  Uime  sin 
na  deanamaid  cadal  mar  ni  muinntir  eile, 
ach  deanamaid  faire  agus  bitheamaid  stuama. 
Agus  a  nis,  ma  ta,  chum  tromsanaich  a' 
chadail  a  chumail  air  falbh,  toisicheamaid 
air  bruidhinn  mu  Dhia  agus  na  nithean 
maithe  a  rinn  e  air  ar  son." 

Ciatach. — •"  Tha  mi  toileach  le  m'  uile 
chridhe." 

Criosduidh. — ■"  C  aite  an  toisich  sinn  ?  " 

Ciatach. — "  Far  an  do  thoisich  Dia  ruinn 
fhein,  ach  ma  's  e  do  thoil  e  toisich  thusa." 

^  :^  :^  ^  ^ 

C  aite  air  bith  an  tachair  dithis  bhraith- 
rean  air  a  cheile,  cia  dhiubh  is  ann  air  an 
t-slighe  gu  Emaus  no  air  an  rathad  fhada 
agus  fhadalach  o  Steornabhagh  gu  Nis, 
ghiorraicheadh  e  an  t-slighe  dhaibh,  agus 
chumadh  e  an  cadal  air  falbh  bhuapa,  agus 
dheanadh  e  triuir  dhiubh  an  aite  dithis, 
na  'n  toisicheadh  iad  air  bruidhinn  mu  na 
nithean  iongantach  a  rinn  Dia  air  an  son. 

Ach    theagamh    gu    'n    abair    cuideigin, 

"  Bhiodh   sin   ceart   gu   leoir   do   leithidean 

Iain   Bunyan   no   do   dhaoine   diadhaidh   a 

bha  air  an  rathad  gu   comanachadh,   agus 

.  aig  an  robh  fiosrachadh  pailt  'n  am  beatha 


fhein  air  maitheas  agus  trocair  Dhe,  ach 
chan  'eil  fianuis  againne  ri  thogail,  no  aid- 
mheil  a  b'  urrainn  dhuinn  a  dheanamh, 
oir  cha  robh  sinn  riamh  air  ar  n-iompachadb, 
agus  cha  mho  a  rinn  Dia  annainn  no  air 
ar  son  na  nithean  iongantach  a  rinn  e 
air  son  Phoil  agus  Iain  Bunyan." 

Tha  sin  fior,  oir  is  e  Criosduidhean  comh- 
arraichte  a  bha  ann  am  Pol  agus  an  Iain 
Bunyan,  aig  an  robh  talantan  agus  buadhan 
nach  robh  aig  daoine  eile,  ach  air  a  shon 
sin,  a  mach  o  'n  inntinn  laidir  agus  an  tuigse 
laidir  a  bha  aca  gu  nadurra,  cha  robh  dad 
aca  o  Dhia  nach  'eil  againne  mar  an  ceudna, 
agus  na  nithean  mor  agus  iongantach  a 
rinn  Dia  air  an  son  rinn  e  air  ar  son-ne 
cuideachd,  oir  tha  fhacal  fhein  ag  radh, 
Is  leibhse  na  h-uile  nithean. 

Ma  tha  garradh  agad  anns  a  bheil  fliiraich- 
ean,  no  ma  tha  garradh  aig  do  choimhears- 
nach,  chan  'eil  la  anns  a'  bhliadhna  nach 
fhaod  thu  toileachadh  agus  solas  agus 
teagasg  a  tharruing  le  d'  shiiil  agus  le  d' 
chluais  agus  le  d'  shroin  as  na  nithean  a 
chuir  Dia  anns  a'  gharradh  ;  ceol  milis, 
daithean  riomhach,  aile  cubhraidh,  a  chuireas 
'n  ad  chuimhne,  ma  tha  cuimhne  agad  air 
Dia,  a  liughad  ni  a  tha  e  ag  ullachadh  air 
son  a  chloinne,  agus  a'  toirt  dhaibh  gun 
airgiod  agus  gun  luach.  Is  leibhse  na  h-uile 
nithean  ;  nithean  nach  do  thoill  siiin  agus 
nach  do  shaothraich  sinn  air  an  son  ach  a 
thainig  thugainn  le  deagh-ghean  agus  coibh- 
neas-graidh  agus  saor-thoil  an  Tighearna. 
Mu  choinneamh  gach  dath  no  aile  anns  an 
t-saoghal-a-muigh  a  tha  deanamh  aghaidh 
na  talmhainn  sgiamhach  is  milis  tha  com- 
panach  spioradail  air  ullachadh  le  Dia  leis 
a  bheil  e  a'  cur  slainte  agus  fallaineachd 
agus  aoibhneas  ann  an  anamaibh  a  shluaigh. 

Chan  'eil  ach  aon  doigh  air  lionmhorachd 
trocairean  an  Tighearna  a  thuigsinn,  tois- 
eachadh  air  an  cunntas  ; 

'S  e  mhaitheas  dhuit  do  pheacaidhean, 
sin  agad  a  h-aon, 

\S  e  shlanuicheas  f  euslaintean  uile,  sin 
agad  a  dha, 

A  shaoras  do  bheatha  o  sgrios,  sin  agad  tri, 


so  UILE  ANN  AN  CRIOSD 


A  chrunas  tu  le  coibhneas-graidh  agus 
caomh-throcairibh,  sin  agad  ceithir, 

A  shasuicheas  tu  le  nithibh  maith,  sin 
agad  coig. 

Gabh'  Leabhar  nan  Salm  ami  ad  laimh, 
agus  le  fiosrachadh  do  bheatha  fhein  'n 
ad  chuinihne,  toisich  air  tiodhlacan  agus 
trocairean  an  Tighearna  a  chunntas,  is 
bidh  e  'na  ionghnadh  mur  h-abair  thu  nach 
'eil  ceann  no  crioch  aca.  7s  leibhse  na 
h-uile  nithean. 

Meadhonan  Grais 

Is  leibh  Pol,  agus  is  leibh  Cephas  agus 
Apollos,  agus  gacb  f^idh  no  abstol  no  naomh 
eile  a  labhair  o  Dhia,  oir  is  e  Dia  fein  a 
thug  dhuibh  iad,  agus  thug  e  dhuibb  iad 
chan  ann  a  chum  gu  'm  biodh  an  tighearnas 
aca  thairis  oirbh  a  bhuineas  do  Chriosd  a 
mhain,  no  chum  gu  'm  biodh  am  f acal  air 
a  chur  oirbh  mar  chuing  mar  gu  'm  b'  e 
Achd  Parlamaid  e  no  Leabhar-lagha,  ach 
a  chum  gu  'm  biodh  e  agaibh  mar  mhana 
laitheil  do  'n  anam,  ag  iompachadh  an 
anama,  a'  deanamh  a'  chridhe  glan,  agus  a' 
soillseachadh  nan  sul.  Is  leibhse  Urnuighean 
na  h-eaglais  anns  gach  linn  ;  is  leibh  Dtighall 
Bochanan,  agus  Padraig  Grannd,  agus  Gobha 
na  Hearadh,  agus  an  Laoidheadair  air  a 
tharruing  a  iomadh  fuaran  is  tobar,  is 
leibhse  iad  uile  gu  bhi  ag  61  meala  asda 
mar  a  bhios  na  seilleanan  a'  dol  o  fhlur 
gu  flur.  Cha  bu  bhuachaille  maith  a  chean- 
gladh  caora  no  mart  gu  teann  air  teadhair 
air  uiread  do  bhoise  a  dh'  iomaire  lom  an 
uair  a  dh'  fhaodadh  e  cead  a  coise  a  thoirt 
dhith  air  feurach  farsuing.  Is  leibhse 
P61  agus  Seumas  agus  Iain  Wesley  agus  an 
Seanalair  Booth,  agus  a  h-uile  diadhair  no 
sgriobhaiche  eile  a  tha  ni-eigin  'nan  obair 
ris  a  bheil  ni-eigin  uasal  agus  diadhaidh  'n 
ur  n'  anam  fhein  a'  comh-fhreagradh.  Sin 
pairt  de  'n  t-saorsa  ghlormhor  a  tha  Dia 
a'  toirt  d'  a  chloinn.  Facal,  no  beachd,  no 
cleachdadh,  no  teagasg,  a  fhuair  thu  'na 
chuideachadh  dhuit  anns  a'  bheatha  dhiadh- 
aidh,  'n  ad  fhiosrachadh  fhein,  na  diult  ; 
ciod  air  bith  cearn  as  an  d'  thainig  e  chugad. 

Ged  nach  toir  creideamh  neach  eile  do 
neamh  thu,  gle  thric  lasaidh  an  creideamh 
a  tha  ann  an  aon  duine  creideamh  ann  an 


duine  eile.  Cha  duisg  cainnt  duine  a  tha 
gun  chreideamh  e  fhein  creideamh  ann  an 
duine  eile,  ciod  air  bith  a'  chaoin  dhiadhaidh 
a  chuireas  e  air  a  gliuth  ;  f  eumaidh  creideamh 
a  bhi  'na  chridhe  fhein  mus  bi  eifeachd  no 
cumhachd  'na  chainnt. 

Tha  sinn  iiile  an  comain  dhaoine  eile 
na  's  motha  na  tha  sinn  a'  saoilsinn  air 
son  na  chuala  sinn  bhuapa  mu  'n  turns 
fhein  agus  mu  'm  fiosrachadh  fhein  air  an 
t-slighe  gu  neamh  ;  coim.hearsnaich  dhiadh- 
aidh is  cairdean  dileas  a  dh'  innis  dhuinn 
mar  thainig  gras  Dbe  'n  an  anam,  agus 
mar  bhuin  Dia  riutha,  ceum  air  cheum. 
Sin  cuid  de  na  h-uile  nithean  is  leinn,  ach 
ged  tha  iad  'nan  cuideachadh  dhuinn  agus 
'nan  taic  d'  ar  creideamh,  is  e  ar  creidearo.h 
fhein  a  mhain  a  bheir  dhuinn  Criosd  agus  a 
bheir  dhuinn  dearbhachd  gur  leinn  Criosd 
agus  gur  leis-san  sinn.  Buidheachas  do 
Dhia  air  son  na  chaidh  a  sgriobhadh  agus 
a  labhairt  a'  moladh  Chriosd  o  thainig  e 
do  'n  t-saoghal,  ach  tha  mi  a'  creidsinn  ann 
a  chionn  gu  bheil  mi  a'  faicinn  gloir  Dhe 
'na  aodann  le  m'  shuilean  fhein. 

Is  leibh  an  saoghal,  an  saoghal  maiseach 
so,  agus  mar  is  motha  a  chi  sibh  a  mhaise, 
agus  mar  is  motha  a  dhuisgeas  e  'n  ar 
cridheachan  "  ionghnadh,  moladh  agus 
gradh  "  tha  bhur  coir  air  agus  bhur  sealbh 
ann  a'  fas  na'  s  cinntiche  agus  na'  s  cinntiche. 
Faodaidh  stiall  mhor  de  'n  t-saoghal  a  bhi 
le  duine  nach  'eil  a'  faicinn  lamh  Dhe  ann 
no  a'  leirsinn  a  ghliocais  ann,  agus  an  saoghal 
uile  a  bhi  aig  daoine  eile  do  nach  buin 
ploc  dheth  gu  laghail  ach  a  tha  a'  deoghal 
solais  as  a  h-uile  la  d'  am  beatha  le  'n  inntinn 
agus  le  poraibh  an  cuirp.  Is  leibhse  an 
saoghal  a  tha  toirt  cothrom  dhuibh  f^s 
ann  an  eolas  air  Dia  ;  bas  anns  nach  'eil 
dhuibh  ach  geata  a'  fosgladh  a  steach  do 
shaoghal  as  fhearr,  no  nithean  a  tha  lathair, 
no  nithean  a  tha  ri  teachd  ;  is  leibhse  iad 
uile  a  chionn  gur  le  Criosd  sibhse  agus 
leibhse  Criosd. 

Gu  cinnteach  faodaidh  an  neach  a  tha 
ann  an  Criosd  a  r^dh, 

An  aitibh  aoibhneach  thuit  mo  lion, 
'jS  learn  oighreachd  bhreagh  nach  gann. 


Anns  a'  Chathair 


BHA  e  am  fabhar  Eachainn  Harvey  mar 
mhinistear  gu  'n  robh  e  an  da  chuid  durach- 
dach  agus  deas-bhriathrach,  agus  na  'n 
robh  a  Ghaidhlig  na  b'  fhearr,  bhiodh  e 
furasda  gu  leoir  dha  eaglais  fhaotainn  anns 
a'  Gh^idhealtachd,  an  t-aite  bu  docha  leis 


fo  'n  ghrein.  Ach  ged  bha  e  air  a  thogail 
anns  an  Oban,  far  a  bheil  Gaidhlig  ri  chluinn- 
tinn  fhathast  air  an  t-sraid,  agus  far  a  bheil 
i  air  a  teagasg  le  sgoilear  maith  anns  an 
Ard-sgoil,  cha  robh  i  air  a  •  bruidhinn  anns 
an  tigh  aca  a  chionn  gur  e  Gall  a  bha  'na. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


at  hair.  Mar  sin,  cha  robh  G^idhlig  a'  gbille 
ud  cho  maith  's  gu  'm  biodh  saorsa  aige  a' 
searmonachadh  innte  :  sin  a  thug  air  a 
radh  mar  tbuirt  Pol,  "  Feuch,  tha  mi  a' 
tionndadb  chum  nan  cinneacb." 

Bha  e  air  a  shuidheachadh  ann  am  fear 
de  na  h-oiseanan  as  miosa  an  Glascbu, 
far  an  robb  nitbean  cbo  narach  agus  cho 
oillteil  'n  a  chluasan  agus  fo  sbtiilean  a 
h-uile  latha  's  nacb  robh  fbios  aige  gu  'n 
robh  seallaidhean  mar  sud  ri  tachairt  orra 
ann  an  aite  air  bith  de  'n  t-saoghal,  is  bha 
gu  leoir  de  dhaoine  anns  an  sgir  aige  nach 
bu  mhotha  leo  sgian  a  chur  annad  agus 
smugaid  a  thilgeadh  ort.  Chan  fhaca  is  cha 
chuala  e  riamh  anns  an  Oban  dad  bu  mhiosa 
na  na  mionnan  a  chual  e  'na  bhalach  an 
uair  a  bhiodh  an  Hebrides  a'  cur  a  m.ach 
dhamh  aig  a'  cheithe,  agus  mar  sin  cha  robh 
e  cleachdte  ris  an  uamhas  a  bha  a'  feith- 
eamh  air  an  Glaschu. 

Cha  robh  ann  ach  duineachan  beag, 
ach  mur  robh  e  mor  'na  bhodhaig  bha  cridhe 
leomhainn  aige  is  bha  a  chreideamh  ann 
an  Dia  cho  laidir  's  nach  robh  eagal  riamh 
air  a  bhi  coiseachd  leis  fhein,  mar  bu  trie 
a  bhitheadh  e,  air  na  sraidean  a  bu  duirche 
air  a'  mheadhon  oidhche.  An  uair  a  bhiodh 
cuid  de  'n  bheagan  coimhthionail  a  bha  aige 
'n  an  cadal  bhiodh  am  ministear  beag  a 
mach  air  na  sraidean,  a'  ciobaireachd  dhrong- 
airean  agus  dhroch  bhoireannach,  agus  a' 
dol  dhachaidh  led  'g  an  Hubhairt  sabhailte 
d'  an  dachaidh  fbein  ma  bha  dachaidh  aca, 
no  ma  b'  urrainn  dhaibh  innseadh  dha 
c'  aite  an  robh  iad  a'  fuireach.  Ann  an 
uine  ghoirid  dh'  fhas  iad  cleachdte  ris  a' 
"  mhinistear  bheag,"  mar  theireadh  iad 
ris,  anns  a'  che^rn  ud  de  Ghlaschu,  agus 
ged  nach  biodh  e  glic  dhuit-sa  no  dhomhsa 
moille  a  bhi  'n  ar  ceum  a'  dol  seachad 
air  clobhsaichean  dubha  dor  cha  air  sraidean 
sonruichte,  bha  esan  sabhailte  gu  leoir 
'n  am  ro.easg,  oir  is  ann  air  clieann  obair 
na  trocair  a  bha  iad  'ga  fhaicinn  daonnan, 
gle  thric  duin-eigin  air  achlais  aige  aig  an 
robh  cho  beag  de  chom.as  nan  cas  ri  searrach 
air  iir  bhreith. 

Ged  nach  do  thuit  a  lion  an  ionadaibh 
aoibhneach,  agus  nach  biodh  a'  mhor  chuid 
de  mhinistearan  eile  tcilichte  le  chrannchur, 
bha  Eachann  Harvey  cho  sonaris  an  Naomh 
Frannsaidh,  oir  bha  e  cinnteach  gu  'n  do 
ghairm  Dia  e  gu  bhi  'na  shaighdear  ann  an 
Cogadh  Naomh,  agus  gu  'n  tugadh  e;  dha 
seoladh  agus  cumhachd  an  saoghal  a  ghlan- 
adh  agus  a  chur  ceart.  Och,  Och  ;  c6  a 
tha  foghainteach  chum  an  ni  so  ?  Tha 
an  saoghal  agus  an  fheoil  agus  an  Diabhol 
cho  laidir  an  diugh  fhathast  's  a  bha  iad  o 


chionn  ceithir  mile  bliadhna,  ach  air  a 
shon  sin  cha  chiiis-fharmaid  ministear  air 
bith  aig  nach  'eil  an  creideamh  agus  an 
dochas  'n  a  oige  gu  'n  dean  e  fhein  agus  Dia 
eatorra  saoghal  iir.  Ach  bha  am  miighadh 
so  eadar  Eachann  agus  na  daoine  eile  aig 
a  bheil  innleachdan  air  saoghal  ur  a  dhean- 
amh,  nach  do  smuainich  esan  riamh  air 
innleachd  eile  ach  an  t-seann  doigh,  soisgeul 
Chriosd.  Chuala  mi  e  ag  radh  aon  uair 
gu  'n  robh  earbsa  bu  mhotha  aige  ann  an 
Laoidhean  Shankey  na  ann  an  Achdan 
Parlamaid.     Ach  is  maith  iad  le  cheile. 

Bha  e  fortanach  gu  'n  robh  bean  aige  a 
dh'  aon  inntinn  ris  fhein,  boireannach 
caomhail,  diadhaidh,  a  bha  cho  coltach  ris 
fhein  ris  an  te  eile  de  phaidhir  mbeatagaii. 
Bliadhna  an  deidh  bliadhna  chum  iad  orra, 
a'  cumail  bed  an  creidimb  agus  an  sonais 
leis  na  h-aislingean  a  bha  iad  a'  faicinn  air  a' 
Ghlaschu  ur  a  bha  dol  a  dh'  fhas  suas,  far 
nach  biodh  gort  no  drongaireachd  no  m.eirle 
no  strlopachas,  agus  far  am  biodh  cuirp 
agus  anama  dhaoine  cho  glan  ri  cridhe 
leinibh . 

Ged  nach  robh  dad  anns  na  Statistics 
a  bhiodh  Eachann  Harvey  a'  cur  a  stigh 
gu  Cleir  Ghlaschu  a  leigeadh  a  leas  crith 
no  maoim  a  chur  air  Satan,  bha  fhios  aig 
a'  Chleireach  nach  robh  gin  de  na  h-eaglaisean 
mora  an  Glaschu  anns  an  robh  obair  a 
bu  dilse  agus  a  bu  ghaisgeile  air  a  deanamh 
na  bha  am  ministear  beag  a'  deanamh  anns 
na  cuiltean  anns  an  robh  e  a'  cumail  bratach 
an  t-soisgeil  a'  snamh,  agus  chan  e  mhain 
bratach  an  t-soisgeil  a'  snamh  ach  coltas 
Chriosd  agus  doighean  Chriosd  mu  choinn- 
eamh  an  t-sluaigh  'na  bheatha  fhein,  air 
chor  agus  nach  robh  u.iread  dhiubh  a  nis  a' 
suidhe  ann  an  caithir  luchd-fanoid.  Ghabh 
iad  ris  mar  dhuine  maith  aig  an  robh  beach - 
dan  gus  doighean  neonach,  ach  anns  nach 
robh  cron  agus  a  bha  laghach  ri  peacaich 
agiis  daoine  air  an  daoraich,  ged  nach 
buineadh  e  do  'n  t-saoghal  mhear  agus 
aighearach  aca  fhein. 

B'  aithne  dhomh-  an  Cleireach  aig  Cleir 
Ghlaschu,  a  bhiodh  ag  innseadh  dhomh 
mu  obair  Eachainn,  agus  theagamh  gur 
esan  a  chuir  'na  cheann  iarraidh  orm  dol 
gu  comanachadh  leis.  Bha  sinn  mu  'n  aon 
aois,  agus  b'  aithne  dhuinn  a  cheile  gu  r^iaith 
ann  an  Talla  na  Diadhachd  ged  nach  robh 
companas    dliith    eadaruinn.  Anns    na 

laithean  ud  cba  robh  a  h-aon  againn  a' 
saoilsinn  a  bheag  dheth  a  chionn  nach  robh 
e  'n  a  sgoilear  m.aith  (an  aon  t-slat-thomhais 
leis  am  bi  oileanaich  a'  tomhas  a  cheile), 
agus  a  chionn  nach  bu  leir  dhiiinn  an  teine 
bed  a  bha  'n  a  chridhe. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Chaidh  mi  a  dh'  ionnsuidh  a'  chomanach- 
aidh,  ach  ged  nach  robh  mi  comhla  ris  ach 
o  Dhi-sathuirn  gu  feasgar  Di-luain  bha  mi 
a'  faireachduin  fad  na  h-uine  mar  gu  'm 
bithinn  'nam  sheasam.h  aig  Cathair  a' 
Bhreitheanais,  agus  air  mo  dhiteadh,  oir 
bha  eud  agus  irioslachd  agus  criosdalachd 
an  duine  ud,  an  eaglais  thruagh  anns  an 
robh  e  ag  obair,  agus  na  sraidean  granda 
a  bha  mu  'n  cuairt  na  h-eaglais,  a'  dol  mar 
shaighdean  'n  am  choguis,  a'  cur  naire 
orm  nach  robh  mi  fhein  a'  fulang  cruadal 
anns  a'  Chogadh  Naomh,  ach  a'  leigeil 
leis  an  duine  hhesg  ud  nach  robh  a  leth  cho 
l^idir  rium  ach  a  mhain  ann  an  creideamh 
uallach  agus  teas  an  latha  a  ghitilan.  Cha 
b'  fhiach  na  bha  mise  a'  deanamh  air  an 
duthaich,  an  aite  s'amhach,  boidheach,  agus 
am  measg  dhaoine  beusach,  sitheil,  a  bhi 
bruidhinn  uime.  Sud  an  duine  a  bha  deanamh 
comhraig  ri  Satan  agus  ris  an  deoch  agus 
ris  gach  seorsa  eile  aingidheachd  a  la  agus 
dh'  oidhche,  ach  gun  a  mhisneach  no  a 
dhochas  a   chall. 

Cha  robh  an  coimhthional  air  an  t-Sabaid 
mor  ;  bha  deagh  Sheisean  aige  ;  coig  deug 
no  an  corr,  ach  tha  mi  an  diiil  gu  'n  robh 
cuid  dJiiubh  air  an  tarruing  a  cearnan  eile 
de  Ghlaschu  agus  nach  robh  iad  a'  fuireach 
anns  an  sgir  anns  an  robh  an  eaglais.  Thuirt 
e  rium  nach  do  chuir  e  riamh  ainm  tir  air  rola 
a'  chomanachaidh  le  teisteanas  fhaotainn  o 
eaglais  eile  ;  gur  e  fhein  a^  ghabh  a  steach 
iad  uile  air  son  na  ceud  uaire  ach  a  mhain  an 
fheadhainn  a  bha  air  an  Rola  m'  an  d' 
thainig  e  do  'n  eaglais,  agus  b'  urrainn  e 
innseadh  dhuit  ciamar  agus  c'  uin  agus  c' 
aite  an  robh  iad  air  an  iompachadh — -aith- 
innean  air  an  spionadh  as  an  teine.  Rud 
eile  a  thuirt  e  rium  a  bha  an  aghaidh  an 
t-seorsa  coimhthionail  a  bha  aige-san,  gu  'n 
robh  6  daonnan  a'  call  cuid  dhiubh  le  iad  a 
bhi  gluasad  gu  taobh  a  b'  fhearr  de  'n 
bhaile  ;  cho  luath  's  a  bha  duine  air  iompach- 
adh, no  gu  sonraichte  mathair  teaghlaich, 
gu  'n  robh  iad  air  son  clabar  nan  ciil-shraidean 
fhagail,  agus  dachaidh  a  bhi  aca  ann  an 
aite  a  bu  ghloine  agus  a  bu  chubhraidhe, 
direach  mar  a  bhios  tachas  a'  tighinn  ann 
am  feoil  nan  eun-siubhail  ag  innseadh  dhaibh, 
"  Chan  e  so  bhur  dachaidh." 

Air  oidhche  na  Sabaid,  an  uair  a  bha  obair 
sholuimte  an  latha  criochnaichte,  dh'  fhan 
sinn  air  ar  cois  a'  seanchas  gu  tri  uairean 
'&  a'  mhaduinn,  esan  a'  bruidhinn  rau  na 
daoine  agus  na  dachaidhean  a  bha  e  ag 
obair  'nam  measg  agus  raise  ag  eisdeachd 
ri  nithean  nach  cuala  mi  riamh  roimhe, 
agus  nadi  robh  fhios  agam  gu  robh  an 
leithid  de  nithean  a'  tachairt  anns  an  t-saoghal . 


Bha  e  cinnteach  nach  b'  e  Cogadh  olc 
bu  mhiosa  anns  an  t-saoghal  ;  gu  'm  bu 
mhiosa  61  agus  boirionnaich  ;  gu  'n  robh 
uaisle  agus  gaisgealachd  ann  an  cogadh  a 
thuilleadh  air  calldaehd,  ach  nach  robh  ann  an 
anamianna  na  feola  ach  obair  an  deam.hain  o 
bhun  gu  barr.  Bha  de  ghrain  aige  air  61 
's  gu  'm  biodh  e  a'  casadh  fhiaclan  an 
uair  a  bhruidhneadh  e  uime,  agus  bha  de 
naidheachdan  br6nach  aige  mu  'n  sgrios  a 
bha  e  a'  faicinn  an  t-61  a'  deanamh  a  h-uile 
seachduin  d'  a  bheatha  ann  an  teaghlaich  ean 
a  dh'  fhaodadh  a  bhi  grinn  glan  coro.hfh- 
urtachail  's  gu  'm  biodh  eagal  agus  naire 
ort  deur  a  chur  'nad  bheul  aig  a'  Bhliadhna 
Uir  fhein. 

Cha  leigeadh  e  leam.  idir  trian  de  'n  choire 
a  chur  air  na  daoine  fhein.  "  Na  'm  faiceadh 
tusa,"  ars  esan  "  na  tighean  anns  a  bheil 
moran  dhiubh  a'  fuireach  bhiodh  e  'na 
ionghnadh  leat  gu  bheil  iad  cho  glan  stuama 
's  a  tha  iad  ;  c6ig  's  a  sia  ag  itheadh  's  a' 
cur  umpa  an  aodaich,  'gan  glanadh  fhein,  a' 
cadal,  agus  a  chomhnuidh,  ann  an  aon  se6mar 
beag,  gun  chl6said  no  gun  ghoireas  eile, 
agus  air  uairean  naoi  no  deich  ?  Balaich 
agus  caileagan  a'  cadal  comhla  gu  aois 
cheithir  no  ch6ig  bliadhna  deug! 

Dh'  innis  e  dhomh  mu  aon  teaghlach, 
Eirionnach  a  Belfast,  anns  an  robh  athair 
agus  mathair  agus  seanair  .  agus  triuir 
chloinne  a'  fuireach  anns  an  aon  se6mar 
anns  nach  robh  leaba  ach  aon  spoinneach 
mhor  air  an  urlar  anns  an  robh  iad  uile  a' 
cadal.  An  uair  a  shiubhail  am  bodach, 
b'  fheudar  dhaibh  a  chur  anns  a'  chiste 
a  dh'  aon  ruith,  agus  a  bhi  togail  na  ciste 
bharr  a'  bhiiird  an  uair  a  bhiodh  e  a  dhith 
orra  air  son  am.  bidh.  Duine  laidir  a  sgrios 
anam,  fhein  agus  a  theaghlach  leis  an  deoch. 

Fad  na  h -oidhche  bha  naire  orm  cho 
beag  's  a  bha  annam  fhein  de  ghradh  an 
t-soisgeil  agus  de  spiorad  na  criosdalachd 
an  coimeas  ri  Eachann  Harvey,  oir  ged 
nach  robh  sro.uain  eile  mu  na  peacaich 
ud  'na  inntinn-san  ach  gu  'm  bu  daoine 
laghach  seachranach  iad  a  bha  fulang  ana- 
cothrom  agus  ana-ceartas  o  'n  t-saoghal 
bha  an  smuain  'nam  inntinn-sa  gu  'm  bu 
chiar  leam  mo  chrannchur  a  thuiteam 
'nam.  measg.  Ach  bha  fhios  agam  gu  maith 
gur  e  esan  agus  nach  bu  mhise  a  b'  airidh 
air  an  ainm  "  deagh  shaighdear  losa  Criosd," 
agus  na  'n  ceadaicheadh  riaghailtean  na 
h-eaglais  e,  bhithinn  toileach  dol  'ga  chuid- 
eachadh,  agus  a  dh'  obair  fo  chomannd, 
na  'm  faighinn  air  m'  ais  an  ceann  da 
bhliadhna  gu  m'  choimhthional  rianail  fhein. 

Mar  chomharradh  air  cho  laghach  's  a 
bha  na  daoine  ris  thuirt  e  rium  gur  e  aon 


ANNS  A'  CHATHAIR 


duine  a  thog  a  lamh  ris  riamh,  duine  a  bha 
fuireach  le  boireannach  ris  nach  robh  e 
posda.  An  uair  a  thug  am  ministear  achmh- 
asan  dha  agus  a  dh'  iarr  e  air  an  dara  cuid 
a  cur  bhuaith  no  a  posadh,  thuirt  an  duine 
ris  an  aire  a  thoirt  air  a  ghnothuch  fhein. 
"  Ach  is  e  so  mo  ghnothuch  fhein,"  ars  am 
ministear,  "  gu  'n  tugadh  tusa  um.hlachd 
do  aithne  an  Tighearna  agus  urram  do 
staid  naomh  a'  phosaidh."  An  sin  thug 
an  duine  borb  sgleog  dha  air  a  chluais  a 
leag  as  a  sheasam.h  e.  "  Ach  tha  Dia  a' 
gluasad  ann  an  doighean  iongantach,"  ars 
Eachann,  agus  a  shuilean  a'  lasadh  le  moit 
is  aoibhneas  diadhaidh,  "ghabh  an  duine 
aithreachas  agus  naire  cho  mor  's  gu  'n  d'  iarr  e 
orm  am  maireach  am  posadh .  Thoisich  iad  air 


tighinn  do  'n  eaglais,  agus  an  ceann  bHadhna 
bha  iad  le  cheile  air  an  iompachadh,  agus 
bha  iad  'nan  suidhe  aig  bord  an  Tighearna 
an  diugh, ^a,n  uair  a  shearmonaich  thusa  air 
a'  cbeann  ud  *'  agus  m.ar  so  bha  cuid  dibhse  : 
ach  tha  sibh  air  'ur  n-ionnlaid  ;  tha  sibh 
air  'ur  naomhachadh  ;  tha  sibh  air  'ur 
fireanachadh  ann  an  ainm.  an  Tighearn  losa, 
agus  tre  Spiorad  ar  De-ne."   (1  Cor.  iii,  11). 

Cha  robh  Eachann  Harvey  buan  ;  loisg 
an  t-eud  beo  a  bha  'na  chridhe  am  beagan 
neirt  a  bha  'na  bhodhaig  anfhann,  is  chaoch- 
ail  e  gu  maith  trath,  ach  bi  thusa  cinnteach 
an  uair  a  rainig  e  taobh  eile  na  h-aibhne 
gu  'n  do  thoisich  laoidh  an  Tighearna  leis 
na  trompaidean. 


Fo  Chraobh   Sheudair 


CHUNNAIC  mi  's  an  Albannach  an  diugh 
'sa'  mhaduinn  gu  bheil  Tigh-Mor  Bhronais 
ri  bhi  air  a  reic,  agus  a'  chuid  mhor  de  'n 
airneis  fhiachail  is  riomhach  a  tha  'na  bhroinn, 
agus  an  crioman  beag  de  'n  oighreachd 
nach  robh  air  a  reic  an  uair  a  shiubhail 
an  Coirneal.  Tha  na  luingeas  mhor  a'  dol 
air  tir  ;  cuid  dhiubh  le  droch  sgiobaireachd, 
ach  cuid  eile  le  an-shid  agus  a'  ghaoth 
anrach  ris  an  abradh  Mghr  Churchill  Euro- 
clidon,  ach  anns  nach  'eil  do  Mghr  Bevan 
ach  ceabharan  fabharach  o  'n  Ear. 

An  uair  mu  dheireadh  a  bha  mi  ann  am 
Bronas  bha  an  Tigh-Mor  gun  duine  ann 
ach  seana  seirbhiseach  agus  a  bhean,  aig 
an  robh  pension  o  bhantrach  a'  Choirneil, 
no  mar  theireadh  iad  rithe  air  an  oighreachd 
Lady  Dora.  Bha  iad  a'  toirt  an  aire  do  'n 
tigh  agus  bha  dha  no  tri  sheomraichean 
aca  dhaibh  fhein.  Bha  uair  a  bha  ro.i  eolach 
gu  leor  air  an  tigh  ud  agus  air  m.uinntir 
an  tighe,  agus  air  dhomh  a  bhi  toileach 
fhaicinn  aon  uair  eile,  agus  a  chluinntinn 
CO  de  na  seann  seirbhisich  a  bha  lathair, 
choisich  ro.i  suas  a  dh'  fhaotainn  seanchais 
ris  a'  charaid  a  bha  fuireach  ann,  Para 
Haggart  agus  a  bhean.  Dh'  aithnich  iad 
mi  anns  a'  mhionaid,  ach  thuirt  Para  le 
fiamh-ghaire  nach  ann  air  mo  choltas  idir  a 
dh'  aithnich  e  mi  ach  air  mo  cheum.  agus 
air  mo  ghuth  an  uair  a  bhruidhinn  mi. 
"  Tha  coltas  na  h-aoise  oirbh,"  ars  esan, 
"  na  's  motha  na  tha  orm.  fhein." 

Eadar  tea  agus  seanchas,  agus  seanchas 
agus  tea  eile  (te  bu  mhotha)  bha  ceilidh 
mor  fada  againn,  ach.  fad  na  h-uine  b'  e  an 
Coirneal  agus  Lady  Dora  a  bu  chuspair- 
seanchais  do  na  seirbhisich  dhileas  ud, 
caraid    cho   laghach    gaolach    's   gu    'm    bu 


mhaith  leam  iad  a  bhi  dluth  dhomh  agus 
an  lamhan  tim.chioll  orm  aig  uair  mo  bhais. 

Chan  e  a  h-uile  Tigh-Mor  is  oighreachd 
a  tha  cho  laidir  agus  cho  maith  air  an  doigh 
's  gu  'n  teid  aca  air  seasamh,  ri  da  chogadh 
agus  oighre  ur  an  taobh  a  stigh  de  fhichead 
bliadhna.  Sin  agus  cion  caitheam.h-crionna 
a  chuir  an  cearcall-mais  bharr  oighreachd  a' 
Choirneil  ;  o'n  bhaillidh  agus  an  luchd- 
lagha  gus  am  balach  a  bhiodh  a'  toirt  a 
stigh  a'  ghuail  agus  nam  bioran  do  'n 
chitsin  bha  iad  uile  a'  fas  reamhar  le  beatha 
shaorail  is  reidh  mar  bu  luime  agus  a  bu 
chaoile  a  bha  e  fhein  a'  fas. 

Ciod  air  bith  a  their  na  Socialists  mu  'n 
chron  a  tha  air  a  dheanamh  do  'n  duthaich 
leis  an  t-seorsa  dhaoine  ris  an  abair  iad 
"  daoine  diomhain  beartach,"  chan  'eil 
e  'na  thoileachadh  air  bith  leam  fhein  a 
bhi  faicinn  nan  seann  Tighean-m.6ra  a' 
dol  as  an  t-sealladh,  agus  na  seann  teagh- 
laichean  a  bha  annta  'gam.  fagail.  A  mach 
o  aon  annamh  cha  leig  thu  leas  truas  a  bhi 
a  gad  ris  na  daoine  fhein,  oir  ro.ar  is  trice 
tha  sgoinn  is  eanchainn  annta,  agus  ann 
an  iiine  ghoirid  ni  iad  aite  iir  dhaibh  fhein 
ann  an  obair  agus  margaidhean  agus  comh- 
fharpuis  an  t-saoghail.  Ach  tha  e  'na  chall 
do  'n  duthaich  an  grinneas  agus  an  uaisle  a 
bha  ri  fhaicinn  ann  an  teaghlaichean  coth- 
romach  nach  leigeadh  a  leas  a  bhi  cunntas 
nam.  buinn-a-sia  a  bhi  dol  as  an  t-sealladh, 
agus  gun  duine  idir  air  fhagail  a  tha  toileach 
aideachadh  gu  bheil  neach  eile  anns  a' 
choimhearsnachd.  as  fhearr  na  e  fhein. 
Ach  cha  lean  mi  air  a'  chursa  so  na's  fhaide, 
oir  tha  fhios  agam  nach  toigh  le  cuid  de 
na  bhios  a'  leughadh  na  duilleig  so  beachd 
eile    a    chluinntinn    ach   gur    e    uachdarain 


6 


FO  CHRAOBH  SHEUDAR 


agus  daoine  aig  a  bheil  airgiod  naimhdean 
an  duine  bhochd,  agus  cha  bu  mhaith 
learn  an  cur  bh^rr  an  siuil  le  toiseachadh 
air  cur  'nan  aghaidb  gu  laidir. 

Ciod  a'  chrioch  a  bhios  aig  na  nithean  so  ? 
Tha  sin  folaichte  oirnn  fhathast,  ach  ged 
tha  amharus  aig  moran  dhaoine  nach  bi 
doighean  is  innleachdan  nan  Socialists  chum 
maith  na  dtithcha  air  a'  cheann  mu  dheireadh, 
chan  'eil  sin  air  a  dhearbhadh  fhathast, 
agus  CO  aige  tha  fhios  nach  'eil  iad  a'  faicinn 
na's  fhaide  romhpa  na  each  ?  Ma  bheir 
iad  dhuinn  fois  o  chogadh,  agus  nia  chumas 
iad  'nar  seasamh  sinn  ann  an  crannchur  a 
mhaireas  agus  a  bhios  cho  maith  ris  a' 
bheo-shlaint  a  tha  againn  an  diugh,  cuiridh 
iad  an  naimhdean  gu  h-amhluadh. 

An  uair  a  bha  sinn  aig  ar  tea  db '  innis  Para 
Haggart  dhomh  nithean  mu  oighreachd  a' 
Choirneil  a  bheireadh  air  daoine  an  diugh  leum 
as  an  craicionn  le  feirg.  Bha  e  fhein  agus  athair 
agus  a  sheanair  air  an  oighreachd.  Bha 
athair  'na  chlachair  chlacha-tioram  a  bhiodh 
a'  togail  gharraidhean.  Chuir  e  suas  mUtean 
de  gharraidhean  air  monaidhean  agus  ann 
am  frithean,  agus  air  slios  bheanntan,  agus 
b'e  'n  tuarasdal  a  bha  aige  tasdan  'san  latha. 
Ach  ged  bha  seachdnar  de  theaghlach 
aca,  cha  chuala  e  athair  no  mhathair  riam.h 
a'  gearan,  no  cur  sios  air  an  uachdaran  ; 
's  ann  a  bhiodh  iad  'ga  mholadh  a  chionn 
gu  robh  bso-shlaint  cho  cinnteach  aca  ; 
bha  mart  aca  agus  muc  agus  talamh  buntata 
agus  iomadh  sochair  agus  barrachdas  eile 
nach  robh  air  ainmeachadh  anns  a'  bhargan. 
Cha  robh  farmad  aca  ri  daoine  eile,  agus 
cha  mho  a  bha  iad  'gan  saoilsinn  fhein 
truagh  no  an  diiO  gu  'n  robh  eucoir  air  a 
dheanamh  orra.  Mur  tugadh  an  t -uachdaran 
obair  dhaibh  cha  robh  obair  eile  ann,  agus 
mur  tugadh  e  tigh  dhaibh  bhiodh  iad  gun 
dachaidh,  ach  bha  ordugh  aig  a'  bhaillidh 
obair  a  thoirt  do  'n  h-uile  duine  air  an  robh 
obair  a  dhith,  ged  bhiodh  an  duine  os  cionn 
ceithir  fichead.  Cha  robh  am.  paigheadh 
ach  beag,  ach  cha  robh  an  obair  trom.,  no 
moran  feum  innte  no  moran  air  a  dheanamh. 

B'e  a'  cheud  phaigheadh  a  bha  aig  Para  fhein 
ochd  sgillean  's  an  t-seachduin  agus  ubhal 


air  son  a  bhi  cumail  ghlaiseunan  agus  eoin 
bheaga  eile  o  'n  choirce  agus  o  'n  eorna 
anns  an  fhoghar  an  am  an  abachaidh. 
Cha  robh  riamh  na  b'  airde  na  coig  tasdain 
deug  aige  ag  obair  anns  a'  choille  gu  1912. 
'Na  dheidh  sin  bha  not  's  an  t-seachduin 
aige.  Bha  e  fhein  's  a  bhean  ann  an  seirbhis 
an  Tighe-Mhoir  o  'n  a  dh'  fh^g  iad  an  sgoil. 
Bha  dithis  de  mhic  an  Tighe  air  am.  marbhadh 
ann  an  cogadh  1914-1918.  An  uair  a  shiubbail 
an  Coirneal  bha  coig  ar  fhichead  de  sheann 
seirbhisich  a'  faotainn  pension  bhuaith,  agus 
dh'  fhag  fear  dhiubh  sin  mile  gu  leth.  Bu 
leis  a  h-uile  tigh  a  bha  air  an  oighreachd 
gus  an  do  thoisich  an  t-Siorramachd  air 
tighean  a  chur  suas.  B'e  sia  gu  ochd  notaich- 
ean  am  mal  a  bha  air  tighean  a'  Choirneil, 
ach  bha  an  fheadhainn  eile  cho  ard  ri  ochd 
deug  gu  ceithir  ar  fhichead.  "  Cha  chreideadh 
tu,"  arsa  Para  Haggart,  "  na  cuilbheartan 
a  bhiodh  d'^oine  a'  cleachdadh  a  sheachnadh 
nan  tighean  iira  agus  a  dh'  fhaotainn  fear 
de  thighean  a'  Choirneil." 

Ciod  a  b'  aobhar  gu  'n  robh  na  seann 
tighearnan  cho  gaolach  air  luchantean  cho 
mor  agus  cho  greadhnach  a  bhi  aca  ?  A' 
cheart  aobhar  a  thug  air  Sir  Walter  Scott 
Abbotsford  a  thogail ;  spagadagliog — an 
spagadagliog  anns  nach  'eil  dad  as  miosa 
na  faoineis,  a  chionn  gu  bheil  a'  chuid 
mhor  dheth  a'  tighinn  o  fhaireachduinean 
nach  bu  mhaith  leamsa  a  dhiteadh  ;  gaol 
fearainn,  gaol  inbhe,  agus  gaol  a  bhi  mor 
agus  fialaidh,  agus  an  caitheamh-crionna 
fhagail  aig  na  bodaich.  Co  ach  duine  a 
tha  ann  an  domblas  na  seirbhe  a  gheibheadh 
coire  gu  guineach  do  dhuine  eile  a  chionn 
gu  'n  robh  rud  beag  straic  agus  morchuis 
'na  cheum  ?  Cha  bhiodh  an  saoghal  cho 
aighearach  na  'n  robh  an  aon  cheum  againn 
uUe.  Bha  na  fineachan  Gaidhealach  gu 
maith  deas  gu  bhi  a'  faotainn  coire  do  chach 
a  cheile,  agus  a'  magadh  air  cjich  a  cheile, 
ach  bha  iad  riamh  a'  ceadachadh  do  na 
Domhnullaich  tomhas  reusonta  de  spagada- 
gliog a  bhi  annta  a  chionn  gu  'n  robh  sin 
freagarr&,ch  do  chinneadh  a  bha  cho  sean 
agus  cho  uasal  agus  cho  laidir  riu,  agus  cho 
m.aith  air  tapaid. 


Seanadh  an  Taobh  Tuath 

de  Iain  Mac    Aonghuis,   Ph.D.,  Hacraig. 


THA  sinn  a'  leughadh  ann  an  leabhar 
Mhalachi  gum  bi  iadsan  air  am  bheil  eagal 
an  Tighearna  a'  labhairt  gaeh  aon  gu  trie 
ri  cheile.  Tha  Seanadh  an  Taobh  Tuath 
(Seanadh  Rois,  Chataibh,  agus  Ghallaibh)  a' 


creidsinn  gur  e  gnaths  tlachdmhor  a  tha 
an  sin.  Air  son  an  dara  bliadhna  nise,  rinn 
an  Seanadh  uUachadh  air  son  cothrom  a 
thabhairt  do  na  braithrean,  eadhon  minis- 
tirean    agus    eildearan,    cruinneachadh    an 


SEANADH  AN  TAOBH  TUATH 


ceann  a  cheile  chum  gum  bitheadh  tri 
latha  de  chomhluadar  aca  mu  ghnothuich- 
ean  a  bhuineas  do'n  dreuchd.  Mu  dheireadh 
September  so  chaidh,  chruinnich  mu  dheieh 
ar  fhichead  dhiubh  ann  >an  Dunr avert, 
ann  an  Srath  Pheofhar.  B'  e  Mr.  Begg, 
Ministir  Baile  Dhuthaich  a  ghabh  as  laimh 
gach  ni  a  dheasachadh,  gu  h-6rdail,  agus 
rinn  e  sin  gu  sgiobalta.  Cha  robh  ughdarras 
aige  thairis  air  an  t-side,  ach,  ged  a  bhitheadh, 
cha  b'  urrainn  dha  deanam.h  na  b'  fhearr 
na  bha  e.  Bha  blaths  agus  maise  an 
t-samhraidh  a'  comhdach  na  duthcha. 

B'  e  an  t-Urr.  Donnchadh  Blar,  M.C., 
B.D.,  deagh  Ghaidheal,  a  tha  a'  saothrachadh 
ann  a  Glaschu,  agus  duine  air  am  bheil 
gibhtean  sonraichte  air  a  bbuileachadh,  ar 
priomh  fhear-labhairt.  Liubhair  Walter 
Reid,  Strath  Pheofhair,  Domhnull  MacLeoid, 
Inbbir  Pheofhair,  agus  Iain  Mac  Aonghais, 
Hacraig,  paipearean  air  cuspairean  araidh. 
Cho-phairtich  gach  fear  a  bha  anns  a' 
chuideachd  anns  na  deasbudan  a  lean  na 
paipearan.  Chaidh  iarraidh  ormsa  cunntas 
a  thabhairt  air  na  chaidh  a  r^dh.  Bhiodh 
sin  duilich  ;  agus  mar  sin,  thainig  mi  chum 
a  cho-dhunaidh  gum  biodh  e  na  bu  tharbh- 
aiche  do  leughadairean  nan  duilleag  so, 
na  'n  deanainn  oidhirp  air  aon  de  na  paipearan 
aig  Mr.  Blar  a  ghiorrachadh,  agus  a  chur 
fodh  'ur  comhair. 

Am  feasgar  mu  dheireadh  a  bha  sinn 
comhla,  labhair  Mr.  Blar  gu  domhain, 
cumhachdadh,  air  na  cuisean  a  bha  ag 
aobhrachadh  mi-chreidimh  anns  an  latha 
anns  a  bheil  sinn  beo.  Bha  sluagh  mor 
an  diugh  ann  an  dorchadas  spioradail. 
Chuir  iad  an  cul  ri  Dia.  Bha  iad  bodhar  do 
chuireadh  an  t-Soisgeil.  Bha  mi-chreidimh 
ann  o  'n  toiseach,  agus  ceannairc  an 
aghaidh  Dhe,  eadhon  ann  an  duthchanna 
Criosduidh ;  ach,  an  diugh,  tha  a'  mhor 
chuid  air  tionndadh  air  falbh  o  'n  t-Soisgeal. 
Cia  mar  a  thachair  sin  ?  Tha  am  Focal  ag 
innseadh  dhuinn  gUn  do  chruthaich  Dia 
an  cinne-daonnda  'na  iomhaigh  Fhein.  Tha 
sin  a'  ciallachadh  gur  e  ni  nadurrach  a 
tha'nn  gum  biodh  cairdeas  agus  co-chomunn 
eadar  Dia  agus  na  h-anama  a  chruthaich 
E.  Ach,  an  aite  cairdeas  agus  co-chomunn, 
tha  aimhreit  agus  cogadh.  Tha  na  h-ainmb- 
idhean  umhail  do  lagh  agus  toil  a  Cbruith- 
fhear.  Tha  an  cruinne-ce  gu  leir  a'  coimh- 
lionadh  a  reachdan.  Ann  an  aon  aite  a 
mhain,  ann  an  anam  an  duine,  tha  ceannairc 
an  aghaidh  Dhe.  De  is  aobhar  da  sin  ? 
An  e  toil  an  Tighearna  gum  biodh  slighe 
a  shluaigh  da  ionnsaidh  Fhein  corrach  agus 


cruaidh  ?  Chan  urrainn  do  Chriosduidh 
sam  bith  aontachadh  ri  sin.  Anns  na 
linntean  a  dh'  fhalbh  agus  anns  an  latha 
'n  diugh,  tha  na  feallsanaich  agus  na  sgoil- 
earan  ris  an  abair  sinn  'apologists'  a  saoth- 
rachadh gu  duineil  chum  gum  biodh  an 
t-slighe  spioradail  air  a  socrachadh,  agus 
an  rathad  chum  Bord  na  Trocair  air  a 
dheanamh  direach.  Tha  e  dligheach  gum 
biodh  aodhairean  spioradail  an  t-sluaigh  a' 
deanamh  an  dichioll  anns  an  cheart  obair. 
Tha  dleasdanas  da-fhillt  aig  an  t-soisgeulaiche 
ri'  choimhlionadh.  Feumaidh  e  nadur  euslain 
spioradail  an  duine  a  dheanamh  soilleir ; 
agus  feumaidh  e  slighe  na  slainte  a  nochdadh. 
Cha  tainig  caochladh  air  nadur  na  h-euslain 
sin  o  am  a  Bhiobuill,  ach,  anns  an  latha 
'n  diugh,  tha  sluagh  do-aireamh  am  beachd 
gu  bheil  am  Biobull  a'  toirt  cunntas  mearach- 
dach  air  cor  agus  staid  an  duine. 

De,  mata,  na  priomh  aobhair  a  tha  briseadh 
an  co-chomunn  nadurrach  a  bu  choir  a 
bhi  ceangal  mac  an  duine  ri  a  Chruithfhear  ? 

1.  Anns  a'  cheud  aite,  am  peacadh. 
Tha  moran  am  beachd  nach  'eil  sin  ach 
facal  sean-fhasanta.  Chan  'eil  ann  ach 
bocan  anns  an  robh  ar  n-athraichean  anns 
na  linntean  aineolach  a  dh'fhalbh  a'  creidsinn. 
Aidichidh  iad,  da  rireabh,  nach  'eil  ar  nad.ur 
daonndail  fhathast  iomlan.  Ach  tha  e 
na's  fhearr  an  diugh  na  bha  e  2000  bliadhna 
air  ais  ;  agus  faodaidh  sinn  a  bhi  an  dearbh 
dhochas  gun  tig  feabbas  mor  a^r  mus  aom 
da  mhJe  bliadhna  eile.  Beag  ar  bheag, 
tha  an  cinne-daonnda  a'  tighinn  air  aghart. 
Nuair  a  gheabh  daoine  barrachd  foghluim, 
tighean  grinne,  ceartas  ann  an  nithean 
aimsireil,  agus  nuair  a  bhios  sith  air  a 
steidheachadh  gu  daingean  air  an  talamh, 
sgapaidh  na .  neoil  a  tha  a'  cuartachadh 
beatha  an  duine.  B'e  deagh  naigdheachd  a 
bhiodh  an  sin.  Ach  an  urrainn  dhuirm  a 
creidsinn  ?  Nuair  a  sheallas  sinn  gu  geur 
air  eachdraidh  an  t-saoghail,  is  e  tha  sinn 
ag  amharc  gu  bheil  am  peacadh  a'  leantuinn 
ceuman  an  duine  gach  ^ite  an  teid  e.  Biodh 
e  a'  comhnuidh  ann  an  uamha,  coltach  ri 
ar  n-athraichean  borba  da  mhile  bliadhna 
air  ais,  no  biodh  e  a'  comhnuidh  ann  a 
Lunnainn  no  am  Berlin  an  diugh,  tha  am 
peacadh  comhla  ris,  'na  chompanach  dileas. 
An  toiseach  na  h -eachdraidh,  thog  Cain, 
duine  aig  nach  robh  moran  foghluim,  a 
lamh  gu  guineach  an  aghaidh  a  bhrathar. 
An  deireadh  na  h-eachdraidh,  thog  Hitler 
agus  a  chompanaich  an  lamh  an  aghaidh 
am  braithrean,  agus  bhasaich  iad,  anns  na 
seomraichean     puinnsein,     'n     am     miltean 


SEANADH  AN  TAOBH  TUATH 


thar  mhiltean.  Agus  de  mil  dheighinn 
Hiroshima  agus  Nagasaki  ?  Cha  dean  e 
an  gnothuch  idir.  Tha  euslain  ann  an 
nadur  an  duine  nach  leighis  foghluim  talmh- 
aidh.  Agus  is  e  ainm  na  h-euslain  sin  am 
psacadh.  Am  peacadh  anns  an  t-seagh 
a  tha  am  Biobull  a'  nochdadh.  Ceannairc 
an  aghaidh  Dhe.  Cha  bhiodh  an  sin  ach 
sgeul  dhuilich  mur  biodh  aithne  againn  air 
leigheas.  Ach  tha  an  Soisgeul  a  toirt  dliuinn, 
chan  e  a  mhain  an  dearbh  fhirinn  mu  staid 
nadurrach  an  duine.  Tha  e  a'  toirt  dhuinn 
slighe  na  slainte.  "  Feuch  Uan  Dhe  a  tha 
tabhairt  air  falbh  peacaidhean  an  t-saoghail." 

2.  Aobhar  eile  a  tha  a'  dorchadh 
slighe  an  duine  chum  Dhe.  Am  beaohd  a 
tha  aige  anns  an  latha  'n  diugh  nach  eil  ann 
am  beatha  an  duine  ach  ni  leibideach, 
neo-luachmhor,  gun  fhiu.  Cluinnidh  sibh 
am  beaohd  sin  air  bilean  feadhainn  de  na  • 
feallsanaich  is  foghluim.te.  Cluinnidh  sibh 
e  ann  an  comhradh  na  sraide.  Leughaidh 
sibh  e  anns  na  paipearan-naidheachd.  Is  e 
sin  beachd  a  tha  air  tolladh  gu  domhain 
ann  an  smuain  an  latha  'n  diugh.  Tha  an 
cruinne-ce  mor,  mor  thar  tomhas  smuain. 
Tha  beatha  'n  duine  suarach  ri  'thaobh. 
Chan  e  a  mhain  an  t-eolas  ur  a  tha  na 
speuradairean  a'  toirt  dhuinn  is  mathair- 
aobhair  do  'n  bheachd  sin..  Tha  an  t-eolas 
ur  sin  a'  cuideachadh  leis,  agus  a'  toirt 
deagh  lethsgeul  dha  ;  ach  is  e  sar  aobhar 
an  dimeas  anns  an  do  thuit  inbhe  agus  luach 
an  duine  gun  do  thionndaidh  e  a  chulaobh 
air  a  Chruithfhear.  Chan  'eil  teagamh  nach 
robh  iad  ann  anns  gach  linn,  a  bha  air 
uaireabh  teagmhach  mu  luach  an  duine 
ann  an  suUean  a'  Chruithfhear.  "  Ciod  e 
an  duine  gum  bitheadh  Tu  cuimhneachadh 
air  ?  "  Fhreagair  an  Salmadair  a'  cheist 
sin  gu  h-uasal.  Ach  bha  fhios  aig  Dia  gu 
robh  cridhe  an  duine  a'  dian-iarraidh  dearbh- 
adh  na  bu  dhaingnichte  na  b'  urrainn 
bUean  duine  a  liubhairt.  Agus  mar  sin, 
chuir  E  aon  ghin  Mhic  do  'n  t-saoghal. 
Ghabh  Esan  air  Fhein  nadur  agus  crannchur 
na  daonndachd.  "  Agus  rinneadh  am  Focal 
'n  a  fheoil."  Nuair  a  ghreimicheas  neach 
air  an  fhirinn  sin,  ciamar  is  urrainn  dha 
dimeas  a  dheanamh  air  luach  an  duine  ? 

3.  Tha  na  doruinnean  agus  na  piantan 
a  tha  moran  a'  fulang  a'  dorchachadh  gnuis 
Dhe,    agus    ag    aobhrachadh    mi-chreidimh. 


Chan  'eil  teagamh  nach  do  thachair  Dia 
ri  sluagh  do-aireamh  ann  an  teis-mheadhoin 
an  trioblaid.  Eisdibh  ri  briathran  an  t- 
Salmadair,  no' an  fhaidh  Isaiah.  Ach  feumar 
aideachadh  gu  bheil  moran  eile  ann  a  chaill 
an  greim  air  Dia  tre  amhgharan  na  beatha 
so.  Tha  feadhainn  ann  a  tha  coiseachd  tre 
ghleann  dor  cha  sgail  a'  bhais  gun  ghath 
soluis  'gam  beothachadh.  Is  e  ar  dleasdanas- 
ne  an  Soisgeul  a  nochdadh  ann  an  doigh 
a  bheir  comhfhurtachd  dhaibhsan,  ma 
ghabhas  sin  a  dheanamh.  Bha  fhios  aig 
Dia  air  an  crannchur  o'n  toiseach.  De, 
mata,  a  rinn  E  ?  De  ach  gun  do  ghabh  E 
air  a  ghuaillean  Fhein  uallach  an  amhghair. 
Ann  an  losa  Criosd,  bhlais  E  bron,  agus 
doruinn,  agus  piantan  a  bhais.  An  toiseach, 
bha  dorchadas  iomlam  a'  cuartachadh 
crann-ceusaidh  Chriosd.  Air  son  beagan 
uine,  bha  diiil  eadhon  aig  na  deisciobuil 
gur  e  so  a'  bhuille  bu  ghuiniche  a  fhuair 
aobhar  na  Fireantachd  riamh.  Ach  dh' 
atharraich  iad  am  b3achd.  Dh'aithnich  iad 
gu  robh  cumhachd  agus  comhfhurtachd 
agus  solas  agus  buaidh  anns  a'  chrann.  Tha 
crann-ceusaidh  an  t-Slanuighear  a'  teagasg 
dhuinn  gum  buidhinn  sluagh  an  Tighearha 
buaidh  air  uile  amhgharan  na  beatha  so 
ann  a  bhi  'gan  giulan  ann  an  companachd 
agus  ann  an  cumhachd  an  deagh  Bhuachaille. 

4.  Is  e  am  bas  an  namhaid  mu  dheireadh 
d'  an  cuirear  as  ;  agus  a  dh'  aindeoin  gach 
caochladh  a  thig  air  cor  an  duine  air  an 
talamh,  tha  e  a'  caitheamh  a  bheatha  fo 
sgaile  a'  bhais.  Ge  b'e  cho  ard  is  a  tbogas 
duine  a  cheann,  thig  e  chum,  na  duslaich 
aig  an  deireadh.  Chan  'eil  anns  a  bhas 
ach  ni  nadurrach  ;  cho  nadurrach  ri  tuiteam 
na  duilleig  o'n  chraoibh.  Coinnicheamaid 
e  gun  gheilt,  gun  chilram  ;  is  e  sin  a  chanas 
moran  de  na  "  Stoics  "  a  bheireadh  comh- 
airle  oirnn  an  diugh.  Ach  cha  chaisg  a' 
chomhairle  sin  cumhachd  gath  a'  bhais. 
Cha  sgap  e  an  dorchadas  iomlan  a  tha  a' 
cuartachadh  a'  bhais.  Agus  tha  an  dorchadas 
sin  a'  falach  gnuis  Dhe  do  iomadh  anam. 
De  tha  an  Soisgeul  ag  radh  ris  an  namhaid 
dheireannach  ?  Chan  'eil  ach  aon  fhacal. 
Aiseirigh.  Ach  tha  comas  anns  an  fbacal 
sin  a  tha  briseadh  cumhachd  agus  ughdarras 
a'  bhais."  Beannaichte  gu  'n  robh  Dia  agus 
Athair  ar  Tighearna  losa  Criosd,  neach,  a 
reir  a  mhor-throcair,  a  dh '  ath-ghin  sinn  gu 
beo-dhochas,  tre  aiseirigh  losa  Criosda  o 
na  mairbh." 


Aireamh  6 


1950 


B'  aithne  dhomh  duine  ann  an  Criosd 


BEANNAICHTE  gu  robh  Dia,  eadhon 
Athair  ar  Tighearna  losa  Criosd  a  bheannaich 
sinn  leis  gach  uile  bheannachadh  spioradail 
ann  an  ionadan  neamhaidh  ann  an  Criosd  ; 
a  reir  mar  a  thagh  e  sinn  annsan,*  mu'n 
do  leagadh  bunait  an  domhain,  chum 
gu'm  bitheamaid  naomh  agus  neo-choireach 
'n  a  lathair-san  ann  an  gradh  :  a  roimh- 
orduich  sinn  chum  uchd-mhacachd  na  eloinne 
tre  losa  Criosd  dha  fein,  a  reir  deagh-ghean 
a  thoile,  chum  cliu  gloire  a  ghrais  tre  an 
d'  rinn  e  sinn  taitneach  'n  a  Mhac  gradhach  ; 
agus  am  bheil  againn  saorsa  tre  fhuil-san, 
niaitheanas  nam  peacadh,  a  reir  saoibhreis 
a  ghrais  ;  anns  an  robh  e  ro  phailt  dhuinn 
's  an  uile  ghliocas,  agus  thuigse  ;  a  dh' 
fhoillsich  dhuinn  rim-diomhair  a  thoile,  a 
reir  a  dheagh-ghean  fein  a  runaich  e  ann 
fein,  chum  ann  am  frithealadh  coimhlionadh 
nan  aimsir,  gu'n  cruinnicheadh  e  ann  an 
a  on  na  h-uile  nithean  ann  an  Criosd,  araon 
na  nithean  a  tha  air  neamh  agus  na  nithean 
a  tha  air  talamh,  eadhon  annsan  ;  anns 
an  d'  fhuair  sinne  mar  an  ceudna  oighreachd, 
air  dhuinn  a  bhi  air  ar  roimh-ordiichadh  a 
reir  ruin  an  ti  a  tha  'g  oibreachadh  nan  uile 
nithean  a  reir  comhairle  a  thoile  fein  ; 
ionnus  gu'm  bitheamaid-ne,  a  ehuir  air 
tus  dochas  ann  an  Criosd,  chum  cliu  a 
ghloire-san,  anns  an  do  chuir  sibhse  mar 
an  ceudna  dochas,  air  dhuibh  facal  na 
firinn  a  chluinntinn,  eadhon  soisgeul  'ur 
slainte  :  neach  an  deidh  dhuibh  creidsinn 
ann,  chuireadh  seula  oirbh  le  Spiorad  Naomh 
sin  a'  gheallaidh,  Neach  is  e  geall-daingnich 
ar  n-oighreachd-ne,  gu  teachd  saorsa  na 
seilbhe  a  cheannachadh  chum  cliu  a  ghloire. — 
Ephes.  I,  3-14. 

Nach  bu  mhaith  a  fhreagradh  an  ceann- 
teagaisg  so  air  an  t-searmonaiche  shughmhor 
nach  maireann,  Iain  Mac  Ghill-Eathain  a 
bha  'na  mhinistear  an  Tairbeart  na  Hearadh  ! 
A  dh'  aon  ni  bheireadh  e  cothrom  agus 
lethsgeul  dha  air  fasan  a  bha  aige  a  chumail 
an  cleachdadh,  leantuinn  air  an  aon  cheann- 
teagaisg  tri  no  ceithir  a  Shabaidean.  Thea- 
gamh  gu'n  leanadh  e  air  an  fhear  so  fad 
raidh.  A  thuilleadh  air  sin  bheireadh  e 
cothrom  dha  air  seanchas  a  dheanamh  mu 
Phol,  agus  na  b'  fhearr  air  fad  bheireadh 
e  cothrom  dha  nithean  tir  agus  nithean 
sean  agus  nithean  domhain  a  tharruing  as  a' 


Bhiobull,  a  shasuicheadh  pobull  Dhe  le 
sail]  a  thighe. 

Feumaidh  eadhon  na  diadhairean  agus 
na  naoimh  a  bhi  ann  am  fonn  maith  m'am 
bi  an  smuaintean  agus  an  cainnt  freagarrach 
do  na  nithean  ard  agus  uasal  air  am  bi 
iad  a'  bruidhinn,  ach  tha  e  furasda  gu  leor 
fhaicinn  anns  a'  chaibideal  so  gu'n  d'  eirich 
Pol  air  sgiathan  an  uair  a  thoisich  e  air 
bruidhinn  mu  na  beannachdan  leis  an  do 
bheannaich  Dia  sinn  ann  an  Criosd.  Ma 
tha  sgriobhadh  eile  anns  an  t-saoghal  as 
diadhaidhe  na  'n  litir  so  chan  'eil  fhios 
agam  c'  aite  an  rachainn  'g  a  iarraidh,  oir 
tha  Pol  a'  labhairt  innte  mu  Dhia  agus  mu 
Chriosd,  mar  dhuine  a  bha  a  bhilean  air 
beantuinn ,  riu  le  eibhleag  bheo  bharr  na 
h-altarach,  agus  d'  an  d'  fhoillsich  Dia 
ruintean  diomhair  a  thoile  a  bha  foluichte  o 
thoiseach  an  t-saoghail. 

Gus  Pol  a  thuigsinn  anns  a'  chaibideal 
so  chan  e  inntinn  gheur  is  shoilleir  as  motha 
a  tha  dhith  oirnn  ach  cridheachan  a  ghabhas 
gluasad  leis  na  ceart  nithean  a  ghluais 
eridhe  Phoil  fhein,  sgeul  aoibhneach  an 
t-soisgeil,  agus  na  nithean  iongantach  a  rinn 
Dia  air  ar  son  ann  an  Criosd. 

( 1 )  Air  an  taghadh  ann  an  Criosd  o  shiorruidh- 

eachd 

(2)  Chum  gu'm  bitheamaid  naomh 

(3)  Anns  a  bheil  saorsa  againn  tre  fhuil 

(4)  Agus  maitheanas  ar  peacaidhean 

(5)  A  run  diomhair  air  fhoillseachadh  dhuinn 

(6)  Oighreachd  ghldrmhor  ann  an   Criosd 

(7)  Air    a    sheulachadh    leis    an    Spiorad 

Naomh. 

Bha  la  ann  anns  am  bu  lugha  air  Pol 
ainm  Chriosd  na  ainm  Shatain  fhein,  agus 
anns  an  abradh  e  nach  robh  anns  na  bean- 
nachdan spioradail  sin  ach  cainnt,  cainnt, 
cainnt;  no  briathran  gun  bhrigh ;  ach  dh' 
fhalbh  an  latha  sin,  oir  b'  e  deagh  thoil 
Dhe  greim  a  dheanamh  air  le  Criosd,  agus  a 
shuOean  fhosgladh  air  chor  agus  gu'n  robh 
e  a'  faireachduinn  a  nis  nach  b'  ann  leis 
fhein  e  ach  le  Criosd,  an  Tighearn  agus  an 
Slanuighear  a  cheannaich  e  le  fhuil. 
B'  e  ionghnadh  nan  ionghnaidhean  do  Phol 
gu'n  do  rinn  Dia  trocair  airsan  a  sgiurs 
agus  a  sgrios  na  naoimh,  agus  gu'n  do  ghairm 
e  e  gu    bhi   'na  sheirbhiseach  dha  agus   'n 


B'    AITHNE    DHOMH    DUINE    ANN   AN    CRIOSD 


a  shearmonaiche  'n  a  eaglais,  agus  o'n  la 
sin  gus  an  do  chriochnaich  e  a  reis  cha  robh 
rud  eile  air  aire  ach  gloir  a  thoirt  do  Dhia 
le.chorp  is  'anam,  agus  ainm  iiasal  Chrioad 
ardachadh  agus  a  mholadh. 

Fhiosrachadh  fh6in 

Cha  b'  ann  o  bheul-aithris  dhaoinc'  eile 
a  bha  fhios  aig  Pol  gu'm  b'  e  Criosd  Slanuigh- 
ear  an  t-saoghail ;  bha  fhios  aige  air  a 
chionn  gu'n  do  ghlac  Criosd  e  air  an  t-slighe 
gu  Damascus  ;  bha  e  a'  fatreachduin  lath- 
aireachd  agus  cumhachd  Chriosd  'n  a 
anam  mar  a  bha  e  a'  faireachduin  blaths 
na  greine  'na  chorp.  Bha  fhios  aige  gu'n 
do  chuir  Criosd  crioch  air  an  amharus 
agus  na  teagmhaidhean,  an  an-shocair  agus 
am  buaireas,  an  inntinn  dhtibailte  agus 
an  iom-chomhairle,  a  bha  a'  riasladh  'anma 
o  chionn  bhliadhnachan,  agus  gu'n  d' 
fhuair  e  fois  ann  agus  acair  d'  a  anam. 
Fhuair  e  ann  an  t-slighe  gu  Dia,  an  fhirinn 
a  tha  toirt  saorsa,  agus  a'  bheatha  a  mhaireas 
agus  a  riaraicheas  an  t-anam.  Tha  a'  bheatha 
a  tha  ann  an  Criosd  cho  beag-mhiannaichte 
leis  a'  mhor-shluagh  's  gu'n  cuireadh  dileab 
o  bhrathair-an-seanar  barrachd  aoibhneis  'n 
an  cridhe  na  chuireadh  na  h-uile  bheannach- 
dan  spioradail  ann  an  Criosd  a  tha  Pol  ag 
ainmeachadh.  Ach  cha  b'  ann  mar  sin  a 
bha  Pol.  Bha  na  beannachdan  spioradail 
a  fhuair  e  o  Dhia  ann  an  Criosd  cho  mor 
agus  cho  fiachail  's  nach  robh  rud  eile  air 
an  t-saoghal  a  ghabhadh  coimeas  riu,  agus 
an  uair  a  thoisich  e  air  an  innseadh  bhriichd 
an  lionmhorachd  a  steach  air  a  chuimhne 
gus  an  do  theab  e  'anail  a  chall,  oir  cha  do 
sguir  e  a  tharruing  'analach  o  thoisich  e  aig  an 
treas  rann  gus  an  do  ratnig  e  deireadh  a' 
cheathraimh  rainn  deug.  Air  uairean  bidh 
daoine  a'  fas  sgith  de  reusonachadh  agus 
de  laghaireachd  Phoil,  ach  air  uairean  eile 
chan  ainm  dha  ach  "  eun  naomh  an  t-Soisgeil," 
"Uiseag  Chriosd"  ag  eirigh  na's  airde  agus 
na's  airde  os  cionn  ceo  an  t-saoghail  so 
agus  na  sgailean  a  tha  eadar  ruinn  agus 
Dia,  a'  seinn  or  an  molaidh  an  Uain,  gus 
mu  dheireadh  an  saoil  thu  gu'n  sgain  a 
chridhe  le  neart  agias  binneas  a'  chiiiil,  agus 
an  d'  eirich  e  cho  ard  o'n  talamh's  gu  bheil 
thu  a'  call  seallaidh  air  ann  an  ionadan 
neamhaidh. 

Beannaich  an   Tighearna,    0  m    anam, 

agus  moladh 
gach  ni  a  tha   'n  taobh  a-  stigh  dhiom, 

ainm  naomh-san. 

Na'm  bithinn  a'  dol  a  dh'  fheuchainn  ri 
teagasg  na  litreach  so  a  tharraing  aisde  gu 
h-ordail,   reidh,   ghabhadh    sin    uine    mhor, 


oir  tha  i  Ian  de  smaointean  nach  d'  fhuair 
Pol  o  dhuine,  no  o  shagart,  no  o  leabhar, 
agus  nach  d'  fhas  'na  cheann  fhein,  ach  a 
fhuair  e  a  mhain  o  Dhia  agus  o'n  Spiorad 
Naomh.  Ach  tha  da  fhacal  shonruichte 
anns  na  rannan  so  a  bu  mhaith  leam  sgriob 
de'n  pheann  a  tharruing  fodhpa  m'  an 
criochnaich  mi ;  ann  an  Criosd,  agus  ann 
an  ionadan  neamhaidh, .  Ciod  air  bith  a  tha 
e  a'  ciallachadh  leis  na  facail  sin.  tha  e  ag 
radh  gur  aim  ann  an  Criosd,  agus  ann  an 
ionadan  neamhaidh  a  tha  na  h-uile  bheannach- 
dan  Spioradail  air  an  sealbhachadh  leis 
na  naoimh.  Tha  mi  an  diiil  gur  e  so  a  bha 
'n  a  inntinn,  gu  bheil  sealladh  as  fhaide 
agus  as  farsuinge  agus  as  soilleire  againn 
o'n  bheinn  na  o'n  ehomhnard,  o  neamh  na 
o'n  talamh,  o'n  t-saoghal  anns  an  robh 
co-chomunn  gun  bhriseadh  aig  Criosd  ri 
Dia  na  o'n  t-saoghal  anns  a  bheil  sinn  a' 
cur  seachad  a'  chuid  mhor  d'  ar  l^ithean, 
agus  a'  leigeadh  le  a  chiiraman  siol  na 
rioghachd  annainn  a  thacadh.  Fag  an 
t-iosal,  ma  ta,  tha  Pol  ag  radh  riut,  eirich 
le  Criosd  ; '  na  biodh  eagal  ort  do  sgiathan 
a  sgaoileadh  agus  do  chomhnuidh  a  bhi 
agad  ann  an  ionadan  neamhaidh,  oir  is  ann 
o'n  airde  sin  a  chi  thu  nithean  an  t-saoghail 
so  gu  cothromach,  agus  mar  is  dliiithe  thu 
do  Chriosd  is  ann  as  fhasa  dhuit  gabhail 
ris  na  beannachdan  spioradail  a  dh'  ullaich 
Dia  dhuit  ann  an  Criosd. 

Na  h-ionadan  Neamhaidh 

Cha  robh    corp   Phoil  anns   an   aon   aite 

daonnan  ;  bha  e  air  uairean  anns  an  Roimh  ; 

air  uairean  ann  an  Corint ;    air  uairean  ann 

an  Galatia  ;  agus  air  uairean  ann  am  priosan, 

ach  c'  aite  air  bith  am  biodh  a  chorp,  bhiodh 

inntinn   agus   a   chridhe   daonnan   anns   na 

h-ionadan  neamhaidh.    B'e  sin  a  dhachaidh 

agus   a   dhtithaich. 

^         *         H=         *         * 

Nach  b'  fhada  o  cheUe  an  dithis  dliaoine 
ud  ;  Nero,  lompaire  Mor  na  Hoimhe,  agus  Pol 
seirbhiseach  aosda  an  Tighearna  ;  an  saoghal 
uile  aig  an  dara  fear  agus  gun  dad  idir 
dheth  aig  an  fhear  eile !  Ach  an  deireadh 
an  laithean,  an  uair  a  bha  e  duilich  d'  a 
sheirbhisich  bruidhinn  ri  Nero,  a  chionn 
gu'n  robh  e  cho  mionnaichte,  mallaichte, 
leis  an  t-searbhadas  agus  an  an-fhois  a  bha 
'na  chridhe  fhein,  bha  Pol,  nach  b'  fhearr 
'n  a  shtiilean  na  cuileag,  'n  a  shuidhe  gu 
ciuin  ann  am  priosan  a'  sgriobhadh  mu 
shith  Dhe  a  tha  os  cionn  gach  uile  thuigse, 
slabhraidh  air  caol  a  dhuirne,  ach  inntinn 
agus  a  chridhe  ann  an  neamh.  Ciod  eile 
a  tha  ri  radh  mu'n  duine  sin  ach  gu'n  robh 
e  ann  an  Criosd  ? 


Anns  a'  Chathair 


'S  e  aon  de  na  nitliean  iongantach  anns  an 
t-saoghal  nach  'eil  na  daoine  a  tha  ag 
aideachadh  a'  Chreidimh  Chriosduidh  fhathast 
cinnteach  ciod  a  tha  e  a'  ciallachadh,  no 
ciod  a'  ghne  dliuine  a  bha  ann  an  Criosd, 
no  ciamar  is  coir  a  theagasg  a  bhi  air  a 
thiiigsinn.  Ma  shaoileas  tu  gu  bheil  mi 
'ga  chur  so  ro  laidir  cuimhnich  nach  'eil 
bliadhna  a'  dol  seachad  gun  miltean  de 
leabhraichean  a  bhi  air  an  sgriobhadh  anns 
a  bheil  sgoilearan  agus  diadhairean,  daoine 
eagnaidh  agus  daoine  naomh,  sgriobhad- 
airean  agus  feallsanaich  agus  luchd-each- 
draidh,  creidmhich  agus  as-creidmhich,  a' 
deasbud  air  a'  cheist  sin,  "  Ciod  e  an  Creid- 
eamh   Criosduidh  ? 

Chan  e  cion  eolais  as  aobhar  dha  so.  Tha 
an  Creideamh  Criosduidh,  o  thoiseach  gu 
deireadh,  o  bhun  gu  barr,  air  a  steidheachadh 
agus  air  a  thogail  air  an  aon  bhunait,  losa 
Criosd.  Is  esan  ceannard  agus  fear  crioch- 
nachaidh  ar  creidimh,  agus  cha  mhor 
dhaoine  a  bha  riamh  beo  anns  an  t-seann 
t-saoghal  a  b'  fhearr  a  b'  aithne  dhuinn 
na's  aithne  dhuinn  esan.  Bha  cunntas  air 
a  thoirt  dhuinn  m.'a  bheatha  goirid  an 
deidh  a  bhais  le  daoine  creideasach  a  chun- 
naic  e  anns  an  fheoil  ;  bha  a  theagasg  air 
a  chur  an  sgriobhadh  cho  trath  's  nach 
robh  uine  aig  mearachdan  air  dol  ann, 
agus  mar  sin  tha  gu  leoir  a  dh'  fhiosrachadh 
againn  uime  fhein  agus  m'a  theagasg. 
Shaoileadh  tu,  ma  ta,  gu'm  biodh  an  aon 
dealbh  ann  an  inntinnean  dhaoine  air  an 
t-seorsa  dhuine  a  bha  ann,  agus  gu'm  bicdh 
aonachd  'nam  measg  mu'n  doigh  anns  a 
bheil  an  Creideamh  Criosduidh  a'  toirt 
saorsa  do  dhaoine  agus  cinneas  anns  a' 
bheatha  dhiadhaidh. 

Ach  chan  ann  mar  sin  a  tha.  Ged  tha 
sinn  ag  aoradh  do'n  aon  Slanuighear  tha  a 
dhealbh  fhein  aig  gach  aon  againn  'na 
inntinn  air  Criosd,  ciod  a'  ghne  dhuine  a 
bha  ann,  agus  ciod  a  tha  a  theagasg  a' 
ciallachadh,  agus  tha  a  bheachd  fhein 
(no  na's  fhearr,  fhiosrachadh  fhein)  aig 
gach  aon  againn  air  slighe  na  slaiute  no 
ciod  a  tha  Dia  ag  iarraidh  oirnn  chum  gu'm 
bi  sinn  air  ar  tearnadh,  no  ciod  an  doigh 
anns  an  urrainn  dhuit  gairm  Chriosd  a 
fhreagairt,  "  Lean  mise." 

A'  ghaoth  ag  atharrachadh 

Ann  an  saoghal  na  h -inntinn  agus  an 
spioraid  tha  a'  ghaoth  ag  atharrachadh 
an  drasd  's  a  rithist  mar  a  tha  i  ag  atharrach- 


adh anns  an  t-saoghal  nadurra,  gun  fhios 
againn  cia  as  a  tha  i  a'  teachd,  no  c'  aite  a 
bheil  i  a'  dol,  no  gu  de  cho  fada  's  a  mhaireas  i. 
Tha  na  timeannan  ag  atharrachadh  gun 
sgur,  agus  tha  sinn  fhein  ag  atharrachadh 
leotha,  agus  ged  nach  'eil  sinn  'g  a  thoirt 
fainear  chan  e  na  h-aon  bheachdan  a  tha 
aig  a'  mJior-chuid  de  dhaoine  an  diugh  's 
a  bha  aig  Aithrichean  Rois,  no  aig  na  daoine 
maith  a  bha  air  an  dusgadh  'nam  miltean 
an  Albainn  an  laithean  Mghr  Moody  agus 
Sankey,  a  thaobh  slighe  na  slainte  agus 
cleachdaidhean  na  beatha  dhiadhaidh.  Cleas 
na  gaoithe  a  tha  a'  seideadh  anns  an  adhar, 
chan  'eil  gaoth  an  spioraid  no  gaoth  an 
t-soisgeil  a'  seideadh  air  an  aon  chalpa 
daonnan  ;  tha  i  sios  is  suas,  a  null  's  a  nail, 
a'  comh-fhreagradh  do'n  atharrachadh  eile 
a  tha  a'  tighinn  air  beachdan  dhaoine  mu'n 
t-saoghal,  agus  mu  Dhia,  agus  mu  chrioch 
araidh  an  duine.  Cha  leor  e  a  radh  ri  daoine 
gur  e  crioch  araidh  an  duine  Dia  a  ghlorach- 
adh  agus  a  mhealtainn  gu  siorruidh ;  tha 
iad  ag  iarraidh  ort  innseadh  dhaibh  ciod 
a  tha  thu  a'  ciallachadh  le  gloir  Dhe,  no 
ciamar  a  bheir  iad  dha  ann  an  da-rireadh 
a  ghloir  a  bhuineas  dha.  Mur  bheil  an 
Creideamh  Criosduidh  a  tha  e  ag  aideachadh 
a  bhi  a'  creidsinn  ann  a'  toirt  air  duine  a 
bheatha  fhein  a  chaitheamh  agus  a  riaghladh 
gu  glic  agus  gu  diadhaidh  chan  'eil  e  chum 
moran  feuma  dha,  oir  is  ann  ann  an  cainnt 
agus  chan  ann  ann  an  cumhachd  a  tha  e, 

Ged  nach  'eil  caochladh  a'  tighinn  air 
Dia,  no  air  ruintean  siorruidh  Dhe  ann  an 
Criosd,  no  anns  an  eachdraidh  a  tha  air 
chul  an  t-soisgeil,  tha  fasain  anns  a'  bheatha 
dhiadhaidh  agus  fasain  ann  an  teagasg 
na  h.-eaglais,  aon  fhirinn  air  a  cur  air  thoiseach 
air  each  anns  an  linn  so,  agus  firinn  eUe 
anns  an  ath  linn  ;  reite  ri  Dia  tre  bhas 
agus  iobairt  Chriosd  air  Calbhari  air  a 
shearmonachadh  mar  fhior  chridhe  an  t- 
soisgeil  aig  aon  am  ;  an  Aiseirigh  aig  am 
eile  mar  dhochas  an  t-saoghaU ;  agus  a  ris 
Dia  air  fhoillseaohadh  mar  dhuine  a  rugadh 
le  mnaoi. 

Aig  aon  am  bha  e  air  a  mheas  gur  e  an 
duine  as  naoimhe  an  duine  a  ghlanas  a 
lamhan  as  an  t-saoghal  gu  buileach  agus  a 
chuireas  a  chul  ris,  ach  an  diugh  saoilidh 
moran  d'  ad  bhraithrean  nach  'eil  annad 
ach  Criosduidh  bacach  mur  bheil  thu  'nad 
fhallus  a  h-uile  mionaid  a'  ciobaireachd  do 
bhraithrean  agus  do  choimhearsnach,  agus 
a'  leasachadh  cor  an  duine  bhochd. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Ar  smuaintean  ann  am  moUdaii 

Gu  de  an  aird  as  a  bheil  a'  ghaoth  a' 
seideadh  an  diugh,  no  ciod  an  dealbh  air  a' 
bheatha  dhiadhaidh  a  tha  tarruing  dhaoine 
oga  gu  bhi  leantuinn  Chriosd  ?  Chan  'eil 
teagamh  air  bith  nach  e  an  t-iarrtus  a 
tha  'n  an  cridhe  an  saoghal  a  chur  ceart, 
agus  sith  an  t-saoghail  a  chur  air  bunaitean 
buan  agus  seasrnhach.  Co  a  theireadh  aon 
fhacal  'n  an  aghaidh,  ach  air  a  shon  sin 
an  uair  a  thoisicheas  iad  air  an  obair  sin 
bidh  e  a'  cheart  cho  duilich  dhaibh  a  radh 
cicd  a  tha  e  a'  ciallachadh  "  an  saoghal  a 
chur  ceart  "  's  a  tha  e  dhaibh  a  radh  Cicd 
e  an  Creideamh  Criosduidh. 

Bha  a'  ghineal  againne  agus  dha  no  tri 
ghinealan  romhainn  air  an  ceangal  ann  an 
geimhlean  ar  briathran  fhein  ;  racharD.aid 
air  ar  gluinean  agus  dh'  aidicheamaid  nach 
robh  annainn  ach  peacaich  a  bha  toill- 
teannach  air  ifreann,  Ian  truailHdheachd 
agus  grainealachd  o  mhullach  ar  cinn  gu 
bonn  ar  coise,  fo  fheirg  agus  fo  mhallachd 
Dhe,  gun  fireantachd,  gun  cho-chomunn 
ri  Dia,  gun  chomas  air  maith  air  bith  a 
dheanamh,  agus  fad  na  h-uine  cha  robh 
anns  na  briathran  sin  ach  fasan  cainnte 
nach  robh  ag  eirigh  gu  nadurra  as  ar  cridhe 
agus  ar  faireachduin  fhein  mar  a  dh'  eireas 
uisge  a  fuaran  bed,  ach  a  bha  air  a  thoirt 
dhuinn  le  daoine  eile  deas-dheanta  m.ar 
mholldair  anns  an  cuireadh  tu  do  smuaintean. 
Ged  bha  a'  chainnt  sin  air  a  cleachdadh 
cho  cinnteach  's  a  thigeadh  an  t-Sabaid, 
no  a'  choinneamli-urnuigh,  no  aoradh  teagh- 
laich,  cha  robh  i  a'  lot  no  a'  bioradh  uiread 
choguisean  's  a  shaoileadh  tu,  agus  ged 
nach  toir  thu  air  oigridh  iollagach  an  la  so 
a  radh  an  uaigneas  no  am.  follais  gur  peacaich 
ifreann-thoillteanach  iad,  a  tha  fo  fheirg 
agus  fo  mhallachd  Dhe,  tha  fhios  aca  gu 
maith  gur  peacaich  iad,  agus  gu  bheil  am 
peacadh  a'  tighinn  eadar  iad  is  Dia,  ach 
chan  e  am  peacadh  sin  dearmad  air  bith  a 
rinn  iad  air  Dia  (oir  c6  iadsan  gu'm  muchadh 
an  ceannairc  no  am  miomhadh  gloir  an 
Uile-chumhachdaich  ?)  ach  an*  dearmad  a 
rinn  iad  air  am  brathair,  a  bha  acrach 
agus  nach  d'  thug  iad  biadh  dha  ;  am  priosan 
agus  nach  d'  thug  iad  saorsa  dha  ;  a'  fulang 
foirneirt  agus  nach  d'  thug  iad  ceartas 
dha,  ach  fuath  an  aite  graidh,  bombs  an 
aite  bheannachdan,  agus  leigeil  leis  na 
h-iolairean  na  stiilean  a  thoirt  as  agus  leis 
na  coin  na  creuchdan  aige  imlich  aig  an 
dorus.  'Sea  tha  bioradh  coguisean  dhaoine 
an  diugh  gu'n  rachadh  aca  air  cor  am  brathar 


a  leasachadh,  agus  gu  sonruichte,  cor  an 
duine  bhochd,  ach  nach  'eil  iad  'g  a  dheanamh 
gu  durachdach,  no  gu  luath,  no  le  sgoinn. 

'Dusgadh  air  a'  chuan 

Air  uairean  chi  thu  a'  mhuir  a'  tocadh 
agus  sumainnean  ag  eirigh  mu  chladaichean 
Bhreatuinn  ;  air  a'  Chuan  Bharrach,  air 
a'  Chuan  Sgith,  no  air  an  Linne  Leodhusaich, 
gun  choslas  gu  bheil  stoirm  dluth,  ach 
faodaidh  tu  a  bhi  cinnteach  gu  bheil  gaillionn 
a'  seideadh  anns  a'  Chuan  Shiar  agus  gur 
e  a'  ghaillionn  sin  is  aobhar  do'n  tocadh  a 
tha  air  an  fhairge  againne  agus  am  briseadh 
a  tha  air  boghaichean  agus  sgeirean.  Sin 
mar  tha  a'  tachairt  anns  a'  Chriosdachd 
mhor  agus  anns  an  t-saoghal  uile  an  diugh  ; 
tha  buaireas  agus  iom-chomhairle  agus  da 
fhichead  ceist  nach  urrainn  dhaibh  fhuas- 
gladh,  agus  da  fhichead  freagairt  ris  nach 
gabh  iad,  ann  an  cinn  dhaoine,  air  chor 
agus  gu'n  do  chaill  an  eaglais  agus  a'  Chrios- 
dachd uile  an  earbsa  agus  an  aonachd  agus 
an  dearbhachd  a  bha  aca  anns  na  linntean 
a  dh'  fhalbh  a  thaobh  inntinn  Chriosd, 
ciod  a  bha  e  a'  ciallachadh  le  rioghachd 
Dhe,  agus  ciamar  a  ghabhas  i  cur  air  chois. 

Tha  an  saoghal  uile  agus  an  eaglais 
fhein  ann  an  ceo  ;  Pilot  an  deidh  Pilot  'g 
a  ghairm  ;  Karl  Barth,  am  Morair  Beveridge, 
ceannardan  nan  Communists,  agus  eagal 
air  an  hichd-turuis  gu  bheil  iad  a'  tarruing 
dltith  do  dh'  fhearann  nach  leir  dhaibh 
agus  nach  aithne  dhaibh.  'S  e  car  as  neon- 
aiche  a  chuir  sinn  ann  an  teagasg  Chriosd 
nach  ann  idir  do  dhaoine  saoibhir  a  tha  e 
duilich  dol  a  steach  do  rioghachd  Dhe 
ach  do  na  bochdan,  agus  theagamh  nach 
siolaich  a'  ghaillionn  a  tha  an  diugh  a' 
seideadh  gus  am  bi  sinn  leagta  ri  bhi  lom 
agus  bochd  agus  macanta  'n  ar  cridhe 
mar  a  bha  ar  Maighstir.  Ach  cha  chreid 
sinn  so  ged  thigpadh  aingeal  o  Dhia  'ga 
innseadh  dhuinn,  agus  seach  gabhail  ri 
teagasg  de'n  t-seorsa  so — fior  theagasg 
Chriosd,  m'  an  robh  e  air  a  thruailleadh  le 
uabhar  agus  spleadhachas  an  t-saoghail 
agus  aria-mianna  na  feola,  b'  fhearr  leinn 
a  chreidsinn  gu'n  robh  e  as  a  chiall. 

Cha  do  chreid  mi  riamh  le  m'  uile  chridhe 
gu'm  b'  fhearr  le  Criosd  daoine  a  bhi  comh- 
fhurtachail  na  e  bhi  aca  ri  an  corp  a  smach- 
dachadh,  agus  ann  an  cuid  mhaith  d'a 
theagasg  cha  robh  ann  ach  cagar  diomhair 
a  bhiodh  e  a'  cur  an  cluas  dhaoine  a  bha 
ag  iarraidh  Dhia,  ag  innseadh  dhaibh  ciamar 
a  rachadh  aca  air  fantuinn  'na  cho-chomunn. 


Fo  Chraobh   Sheudair 


AN  uair  a  chaidh  an  t-Ollamh  Iain  Gumming 
agus  a  bhean  do  Chraoibh  a  chur  seachad 
seachduin  anns  an  Hydropathic,  an  deidh 
do'n  chomanachadh  a  bhi  thairis,  agus 
obair  a'  gheam.hraidh  air  sgur,  's  e  gille 
6g  a  bha  'n  a  fhear-cuideachaidh  ann  an 
eaglais  mhor  a'  bhaile  a  bha  laimh  riu  a 
shearmonaich  air  an  da  Shabaid  a  bha  iad 
air  falbh.  Bha  e  6g  agus  diuid,  agus  a' 
saoilsinn  cho  beag  dheth  fhein  's  na'n 
leigeadh  a  naire  no  a  mhisneach  leis  a 
dheanamh,  gu'n  teicheadh  e  an  uair  a 
chual  e  am  beadall  a'  bualadh  a'  chluig, 
agus  a  thoisich  a  ghluinean  air  dol  air 
chrith. 

Ach  cha  b'  urrainn  dha  faotainn  as,  agus 
m.'  an  do  mhothaich  e  ciod  a  bha  tachairt 
bha  e  anns  a'  chubaid  agus  am  beadall  a' 
crannadh  an  doruis  ;  agus  a  mhuineal 
cho  tioram  's  gur  ann  air  eigin  a  chual  an 
sluagh  an  t-salm  a  thug  e  mach  ; 

Is  toigh  learn  Dia  air  son  gu'n  d'  eisd 
Ri  rn   ghiith  's  ri  m'  urnuigh  fds. 

Is  maith  an  toiseachadh  sin  air  aoradh 
coimhthionail,  agus  is  maith  an  gealladh 
so  do  bhalaich  dhiiiid  a  tha  toiseachadh  air 
searmonachadh,  "  Air  an  fhear  so  amhaircidh 
mi,"  deir  an  Tighearna,  "  eadhon  airsan 
a  tha  bochd  agus  leonta  'n  a  spiorad  agus 
a  chriothnaicheas  roimh  m'  fhacal." 

Bha  Calum  Rankine  cho  glic  's  gu'n  do 
leugh  e  a  shearmon,  ged  b'  fhearr  leis  a' 
chuid  mhor  de'n  choimhthional  gun  e  bhi 
air  a  leughadh,  ach  bha  grunnan  beag 
de  dhaoine  diadhaidh  anns  an  eaglais  a 
dh'  aithneadh  am  facal  agus  an  ni  a  bha 
o  Dhia,  CO  dhiubh  a  bha  iad  'ga  chluinntinn 
o  bheul  manntach  agus  an  siiilean  diiinte, 
no  bha  iad  'g  a  chluinntinn  o  Apollos  agus 
an  suilean  fosgailte. 

Gle  thric  tha  foirbhich  air  an  diithaich 
car  diuid  iad  fhein,  agus  an  la  ud  anns  an 
vestry,  gun  a  bhi  ciallachadh  dad  cearr, 
no  gun  dad  eile  'na  inntinn  Rch  facal  bruidhne 
a  dheanamh  ris  a'  choigreach  air  ghaol  a 
bhi  cairdeil,  thionndaidh  fear  dhiubh  ris 
an  deidh  dhaibh  tabhartas  an  t-sluaigh  a 
chunntas,  agus  thuirt  e  ris,  "  tha  sinn  tri 
tasdain  deug  agus  da  sgillinn  na's  giorra 
na  bha  sinn  air  an  t-Sabaid  so  chaidh." 

Cha  robh  anns  an  fhacal  ach  facal  tuathall 
no  stalcach  gun  chron,  is  cha  do  rirm  am 
ministear  ach  a  cheann  a  ghnogadh,  oir 
cha  do*  ghabh  e  oilbheum,  agus  chan  fhaca 
e  aobhar  gu'n  gabhadh  ;  ach  bu  mhaith 
do'n  fhoirbheach  ud  nach  ann  ri  ministear 


ris  an  d'  thuirt  foirbheach  eile  a'  cheart 
fhacal  ud  ann  an  Eaglais  Ard  lonar-nis  a 
thubhairt  e  c,  ministear  a  bha  a'  gabhail 
aite  Thormoid  MhicLeoid  aig  an  t-seirbhis 
fheasgair,  agus  aig  an  robh  teanga  mar 
chlaidheamh-soluis,  "  Chan  'eil  e  mar  fhiach- 
aibh  orm  a  dheanamh  suas  dhuibh,  ach 
ma  dh'  innseas  sibh  dhomh  na  tha  sibh 
goirid  ni  mi  suas  dhmbh  e." 

Co  de'n  dithis  aca  a  b'  fhaide  a  chaidh 
cearr  ?  Chaidh,  am  ministear,  oir  cha  robh 
am  foirbheach  ach  rud  beag  tuathall  a  thaobh 
facail,  ach  bha  am  ministear  miomhail, 
dearg  mhiomhail.  Agus  is  fhearr  a  bhi  stalcach 
na  bhi  m.iomhail. 

Ach  gu  fortanach  bha  Evander  Ross, 
am  foirbheach  laghach,  mar  theireadh  iad 
ris,  anns  an  eaglais  agus  anns  an  vestry 
an  la  ud,  agus  cha  leigeadh  an  t-Ollamh 
Iain  Cumming  a  leas  eiiram  a  bhi  air  nach 
fhaigheadh  am  fear  a  bha  'n  a  aite  coibhneas 
agus  aoigheachd  o'n  t-Seisein.  Ged  a  b'e 
faidh  no  Moderator"  a  bha  ann  an  Calum 
Rankine  cha  b'  urrainn  Evander  barrachd  a 
dheanamh  air  a  shon  ;  cha  bu  chuimhneach 
leis  gu'n  cual  e  riamh  Artazeres  air  a  seinn 
na  b'  fhearr,  no  facail  a  bu  fhreagarraiche 
air  an  labhairt  ris  a'  chloinn,  agus  gur  e 
sud  a'  cheart  cheann-teagaisg  a  bha  aig 
an  OUauili  Wallace  Williamson  an  aon  xiair 
a  chual  e  a'  searmonachadh  riamli  e. 
"  Feumaidh  mi  innseadh  an  nochd  do 
bhean  Thearlaich,"  ars  esan,  agus  e  a' 
tionndadh  ris  na  foirbhich  eile,  "  an  rud 
a  thuirt  e  ruinn,  gu  bheil  Dia  gle  thric  a' 
toirt  dhuinn  aran  mills  'n  a  fhreasdal  gun 
dad  eile  'san  amharc  aige  ach  a  mhain  bias 
maith  a  chur  'nar  beul."  Thainig  naidheachd 
mhaith  chuca  air  an  t-seachduin  mu  dheir- 
eadh  a  Canada,  ach  fad  sheachduinean  roimh 
sin  bhiodh  i  'n  a  suidhe  fad  an  latha  aig  an 
teine  a'  turramanaich  air  furm  iosal,  agus 
a'  seinn  gu  beag  rithe  fhein,  ri  fonn  Ballerma 

Oir  bheathaich  thu  do  shluagh  gu  leir 

le  aran  deur  is  broin  ; 
Is  tomhas  saoibhir  thug  thu  dhaibh 

de  dheuraibh  goirt  r'  an  61. 

Bha  e  air  a  shocruchadh  leis  an  Doctair 
Cumming  gu'n  cuireadh  am  ministear  coig- 
reach  seachad  deireadh  na  seachduin  anns 
an  Tigh-osda  a  bha  mu  cheathramh  a' 
mhile  o'n  eaglais,  ach  ged  a  bha  e  'ga  chur 
rud  beag  as  an  rathad  aige  fhein  thairg 
e  do'n  mhinistear  dol  leis,  los  companach  a 
bhi  aige.      Ach  cha   b'c  sin  an  t-aobhar  a 


6 


FO  CHRAOBH  SHEUDAR 


bha  aige  dol  comhla  ris  idir,  ach  a  dheanamh 
cinnteach  nach  fhaigheadh  Miss  Lavinid. 
Sharp  seanchas  ris,  seana  mhaighdean  a 
bha  Ian  uilc  agus  aig  nach  rbbh  facalmaith 
ri  radh  mu  chreiitair  bed.  Bha  fhios  aig 
Evander  Ross  nach  b'  fheairrd  ach  gu'm 
bu  mhisd  a  leithid  a  thachairt  air  ministear 
6g  a  bha  a'  creidsinn  ann  an  uaisle  a  cho- 
chreutairean  m'  an  rachadh  e  air  cheann 
na  seirbhis.  Mar  sin  philotaich  e  am  ministear 
seachad  air  Lavinia  Sharp  cho  seolta  agus 
cho  curamach  's  a  sheachnas  Pilot  air 
Clnaidh  na  cuir  agus  na  comharraidhean 
agus  an  tanalach  a  tha  anns  an  abhainn. 

An  deidh  na  dinnearach  thuirt  Evander  ris 
a'  mhnaoi  gu'm  b'  fheairrd  e  a  chasan  a 
shineadh  agus  sraid  a  ghabhail  suas  do'n 
Bhail'-iir,  agus  mur  robh  dad  aice  'na  aghaidh 
gu'n  tadhladh  e  air  a'  mhinistear  6g  agus 
gu'n  tugadh  e  dhachaidh  leis  e  a  ghabhail 
cupan  tea  leo  m'  an  rachadh  iad  air  an  ais 


do'n  eaglais.  A  thuilleadh  air  sin  bha 
dochas  aige  gu'n  coinnicheadh  e  ri  aon  no 
dha  nach  robh  anns  an  eaglais  's  a'  mhaduinn, 
d'  am  bu  mhaith  leis  innseadh  mu'n  ghille 
ghrinn  a  bha  aca  an  diugh  an  aite  Dr 
Gumming. 

Cha  ruig  mi  leas  dad  a  radh  mu'n  t- 
seirbhis  fheasgair  ach  gu'n  d'  thainig  Calum 
Raiikine  as  a  shlige,  agus  dh'  fhosgaU  e 
earrann  de'n  Sgriobtur  cho  pongail  's 
a  dheanadh  seana  mhinistear  d'  am  b' 
aithne  aon  Sgriobtur  a  mhineachadh  no 
shoillseachadh  le  sgriobtur  eile — an  doigh 
as  fhearr  air  a'  Bhiobull  a  theagasg. 

Is  beannaichte  foirbhich  laghach  oir  is 
leo  cridheachan  mhinistearan  ditiid,  agus 
is  sona  a  h-uile  coimhthional  anns  a  bheU 
dha  no  tri  de  leithidean  Evander  Ross  a 
bha  cho  laghach  's  gu'n  cuireadh  flath 
agus  dealradh  'aodainn  uiread  blaths  anns 
an  eaglais  air  latha  fuar  ri  pioban  teth. 


Aig  an  Uinneig 


An  creid  mi  mo  shuilean  ? 

AN  la  roimhe  air  an  train  gu  Peairt  bha 
argumaid  theth  a'  dol  air  aghaidh  eadar 
ceathrar  dhaoine,  triuir  dhiubh  a'  feuchainn 
ris  an  fhear  eile  a  chur  as  a  bheachd  gu 
bheil  e  fior  gu  leor  gu  bheil  Uilbheist  ann 
an  Loch  Nis.  Dh'  fheuch  iad  ri  fichead 
aobhar  a  thoirt  dha,  aon  as  deidh  aoin, 
gu'n  robh  e  cearr  agus  nach  robh  coltas 
na  firinn  air  an  naidheachd,  ach  chuir  e  a 
dhruim  ris  a'  bhalla  so,  agus  cha  ghluaiseadh 
e  leth  an  oirlich  bhuaith,  An  e  nach  creid 
mi  mo  dha  sMcil  fhein  ?,  agus  a  h-uile  uak 
a  theireadh  e  e,  dh'  innseadh  e  dliaibh  as 
ur  mar  a  chunnaic  e  an  Uilbheist '  mu  thri 
mile  sear  air  Cill  Chuimein  air  latha  feathail 
samhraidh . 

Chan  'eil  e  furasd  a  radh  ri  duine  anns 
an  aodann  nach  faod  e  a  shtiilean  fhein  a 
chreidsinn,  oir  tha  e  ion  's  a'  radh  ris  nach 
'eil  e  'n  a  dhuine  geiir  no  beachdail,  ach 
ann  am  moran  nithean  tha  iomadh  fianuis 
eile  na's  cinntiche  agus  na's  firihniche  na 
do  shuilean  fhein.  Is  aithne  do  chlann  na 
sgoile  so. 

Cha  do  ghabh  mise  gnothuch  ri  seanchas 
nan  daoine  oir  shocruich  m'  inntinn  air 
cuspair  eile,  agus  mi  air  mo  rathad  a  shear,- 
monachadh  air  Di-domhnaich  Casg.  Tha 
freumhaichean  ar  beatha  againn  ann  an 
da  shaoghal,  an  saoghal  faicsinneach  agus 
an  saoghal  neo-fhaicsinneach,  agus  tha  ar 
gnothuch  cho  dluth  agus  cho  dian  ris  an 
t-saoghal    fhaicsinneach    's    gu    bheil    sinn 


daonnan  ag  iarraidh  dearbhadh  nan  sill 
eadhon  ann  an  nithean  spioradail.  An  uair 
a  dh'  innis  na  h-abstoil  eile  do  Thomas  gu'n 
d'  eirich  Criosd  agus  gu'm  faca  iadsan  e, 
thuirt  e  riu,  "  Mur  faic  mise  aileadh  nan 
tairgnean,  agus  mur  cuir  mi  mo  lamh  'na 
thaobh,  cha  chreid  mi."  Ach  cha  b'  ann 
mar  sin  a  bha,  cho  luath  's  a  chuala  Tomas 
a  ghuth,  oir  is  aithne  d'a  chaoraich  a  ghuth, 
sgaoil  gach  ^mharus  agus  teagamh  agus 
as-creideamh  a  bha  'n  a  chridhe  agus 
thubhairt  e,  "  Mo  Thighearna  agus  mo 
Dhia !  "  Chan  e  sealladh  ach  creideamh  as 
lochran  do  na  naoimh.  Is  ann  air  mhodh 
spioradail  a   thuigear  nithean   spioradail. 

An  uair  a  dh'  fhagas  an  anail  an  corp 
tha   e   duilich   do'n   t-suil   a   chreidsinn  gu 
bheil  an  neach  a  tha  marbh  fhathast  bed; 
tha    sealladh    agus    creideamh    a'    dol    calg 
dhireach    an    aghaidh    a    cheile,    air    chor 
agus  gu  bheil  e  duilich  do  dhaoine  nach  'eil 
a'  creidsinn  ann  an  dad  ach  an  iiir,  agus  an 
fheoil,  agus  anns  na  nithean  a  chi  an  t-sviil,        ^ 
gabhail  ri  fianuis  na  h- eaglais  no  nan  naomh.      J 
Tha   e   duilich   dhaibh   a   chreidsinn   gur   e      | 
iad  fhein  a  tha  marbh. 

Lucas  an  High  gradhach 

Na'm  feumadh  tu  dealachadh  ris  a'  .; 
Bhiobull  uile  ach  a  mhain  aon  leabhar,  c6  '^ 
an  leabhar  a  ghleidheadh  tu  ?  Bha  uair  a 
bhiodh  e  na  bu  duiliche  dhomh  an  roghainn  ; 
sin  a  dheanamh  na  bhiodh  e  an  diugh. 
Bha  mi  an  diiil  uaireigin  gu'm  b'e  soisgeul 
Eoin  mo  roghainn,  ach  cha  robh  an  sin  ach  a' 


AIG   AN    UINNEIG 


leantuinn  dhaoine  eile.  'S  e  soisgeul  Lucais 
a  ghleidhinn  an  diugh. 

Am  measg  dhoctairean,  daoine  cho  caomh- 
ail  "s  a  tha  aii'  an  t-saoghal,  is  airidh  Lucas 
air  an  aite-thoisich  a  thoirt  dha,  ged  naeli 
biodh  aobhar  eile  air  ach  an  gaol  a  bha 
aige  air  Pol.  Bidh  nioran  dhaoine  an  diugh 
a'  peileastaireachd  air  Pol,  agus  a'  faotainn 
coire  dha  air  son  sud  agus  so  a  radh,  no  air 
son  a  bhi  teagasg  as  a  cheann  fhein  nithean 
nacb  do  theagaisg  Criosd,  (chan  'eil  e  coltach 
gu'n  tuigeadh  tusa  no  mise  inntinn  Chriosd 
na  b'  fhearr  na  thuig  Pol  i).  Cha  b'  aithne 
dhomh  riamh  duine  diadhaidh  aig  nach 
robh  gaol  air  Pol,  agus  'p  e  an  gaol  a  bha  aig 
Lucas  air  a  thug  air  obair  shaoghalta  a  leigeil 
seachad  a  dhol  comhla  ris  air  a  thurasan 
soisgeulach. 

B'  ann  ann  an  Troas  a  thachair  iad  air  a 
cheile  an  toiseach  ;  bha  stiilean  goirt  aig 
Pol ;  bha  Liicas  'na  lighiche  anns  a'  bhaile, 
is  theagamh  gu'n  deachaidh  Pol  'g  a  ionnsuidh 
a  dh'  iarraidh  comhairle  air,  no  sabh-shiil. 
Co  dhiubh,  chuir  iad  eolas  air  a  cheile 
ann  an  Troas  ;  dh'  fhas  an  t-eolas  gu  bhi 
'na  chompanas,  agus  an  companas  gu  bhi 
'na  ghaol,  gaol  nach  d'  fhailnich  gus  an  do 
sgaradh  leis  a'  bhas  iad.  Co  is  urrainn  a' 
chaibideil  mu  dheii'eadh  de'n  dara  litir  a 
sgriobh  Pol  gu  Tinioteus  a  leughadh  gun 
rachd  a  thighiiui  'n  a  mhuineal.  "  Tha  mise 
nis  gu  bhi  air  m'  iobradh,  agus  tha  am  mo 
shiubhail  am  fagus  :  chomhraig  mi  an 
deagh  chomhrag  ;  chriochnaich  mi  mo 
thurus,  ghleidh  mi  an  Creideamli,  agus  o  so 
a  mach  tha  air  a  thasgadh  fa  m'  chomhair 
crun  lireantachd  a  bheir  an  Tighearn  dhomh 
's  an  la  ud  .  .  .  Dean  do  dliichioll  air  tighinn 
a'  m'  ionnsuidh  gu  luath,  oir  threig  Demas 
mi  air  dha  an  saoghal  so  a  tha  lathair  a 
ghradhachadh,  agus  chaidh  e  do  Thesalonica, 
Crescens  do  Ghalatia,  Titus  do  Dhalmatia. 
Tha  Lucas  'na  aonar  maille  riutn. 

Liicas  an  leigh  gradhach,  dileas  gu  has, 
o'n  cheud  latha  arms  an  d'  thuirt  e  ris 
fhein  gu'm  bu  bheag  aige-san  airgiod  a 
dheanamh  as  an  doctaireachd  ann  an 
Troas  ;  gu'm  faodadli  e  seirbhis  a  b'  fhearr 
a  dheanamh  do  Dhia  le  dol  comhla  ri  Pol 
a  thoirt  an  aire  d'  a  shtiilean  agus  d'  a 
shlainte.  Agus  a  thiiilleadh  air  na  rinn  e  de 
chuideachadh  le  Pol  anns  an  t- soisgeul 
sgriobh  e  barrachd  de'n  Tiomnadh  Nuadh 
na  duine  air  bith  eile.  Sgriobh  e  an  soisgeul 
a  tha  air  ainmeachadh  air  agus  Gniomharan 
nan  Abstol,  agus  na  'n  robh  an  da  leabhar  sin 
air  an  call  bhiodh  a'  chuid  bu  mhotha  de 
theagasg  Chriosd  agus  a'  chuid  bu  mhotha 
a  dh'  eachdraidh  na  h  eaglais  anns  a'  cheud 
linn  a  dhith  oirnn- 


Sgir  sgaoilte  agus  fharsuing 
UAIR  a  thachair  ceithir  no  coig  de  mhinis- 
tearan  a  bha  comhla  anns  a'  Chollaist  ann 
an  Dim-eideann,  aig  am  an  t-Seanaidh, 
thoisich  fear  dhiubh  air  tarruing  a  ministear 
Gaidhealach,  ag  radh  ris  gur  ami  aige  bha 
an  deagh  shaoghal,  gun  a'  bheag  ri  dheanamh 
fad  na  bliadhna  ach  aon  searmon  'san 
t-seachduin  ann  an  sgir  cho  beag  's  gu  'n 
tiochdadh  an  coimhthional  aige  anns  an 
vestry  aige-san.  So  mar  a  fhreagair  am 
ministear  Gaidhealach,  "  Thig  thusa  a  thad- 
hall  ormsa  agus  chi  thu  gu  bheil  an  garadh 
agamsa  na'  s  motha  na  ghliob  agad  ;  gu 
bheil  a'  ghliob  agam  cho  mor  ris  an  sgir 
agad,  agus  an  sgir  agam  na'  s  motha  na  'n 
t-siorramachd  bheag  thruagh  anns  a  bheil 
thu  ag  ana-caitheamh  t'  tiine,"  Ceann-rois. 

Thainig  so  gu  m'  chuiinhne  an  raoir  an 
uair  a  bha  mi  a'  leughadh  cho  duilich  's 
a  bha  e  do  'n  mhinistear  ann  an  Tairbeart 
na  Hearadh  an  sgir  mhor  agus  sgaoilte 
sin  oibreachadh  ann  an  doigh  a  riaraicheas 
e  fhein  no  fhreagras  air  an  t-sluagh.  Tha 
coig  ceud  deug  anns  a'  choimhthional,  agus 
da  mhile  gu  leth  anns  an  eilean  uile  gu 
leir.  Tha  seirbhisean  air  an  giiilan  air 
aghaidh  ann  an  tighean-sgoile  is  ann  an 
tighean-coinnimh  ann  an  ceithir  aitean 
deug,  o  choig  mile  gu  ochd  mile  deug  o  'n 
Tairbeart.  Bu  choir  do  chinn  na  h -eaglais 
oidhirp  laidir  a  dheanamh  agus  aon  fhear- 
cuideachaidh  co  dhiiibh  a  thoirt  do  'n 
choimhthional  so,  a  thug  e  fhein  cuid  mhaith 
mhinistearan  do  'n  eaglais  cheana. 

Thainig  briseadh  air  a'  choimhthional 
so  an  uair  a  dhealaich  an  Eaglais  Shaor 
ris  an  Eaglais  U.F.,  ach  an  uair  a  b'  aithne 
dhomhsa  e  an  toiseach  'n  am  bhalach  bu 
bhreagh  an  sealladh  eaglais  an  Tairbeart 
air  maduinn  Sabaid,  Ian  shios  is  shuas. 
Ma's  e  Mghr  MacGill-eathain  fhein  a  bha 
anns  a'  chiibaid  bhiodh  e  leth-uak  an  deidh 
da. uair  mu  'n  sgaoileadh  an- eaglais,  agus 
an  sin  chitheadh  tu  eithrichean  a'  falbh 
o  'n  cheithe  agus  foirbheach,  no  maith  dh' 
fhaoidte  dithis  arms  a  h-uile  te  dhiubh,  a 
ghleidheadh  coinnimh  ann  an  Scalpaidh, 
no  ann  an  Caolas  Scalpaidh,  no  ann  an 
Drinishader,  no  aitean  iomallach  eile  air 
nach  'eil  cuimhne  agam  a  nis.  Aig  an  am 
ud  bha  moran  fhoirbheach  anns  na  Hearadh 
a  bha  cho  maith  leam  fhaicinn  air  cheann 
coinnimh  ri  ministear  air  bith,  daoine  diadli- 
aidh  eudmhor  aig  an  robh  gaol  an  t-soisgeil 
'n  an  cridhe  agus  a  bha  toileach  cuideachadh 
a.  thoirt  do  "n  eaglais  agus  do  'n  mhinistear 
gun  phaigheadk .  B'  olc  ah  airidh  gu  'n 
eailleamaid  an  leithidean  sin  anns  an  eaglais. 


Duan  nan  Statistics 
1950 

Leis  ail  Urr.  Alasdair  MacFhionghuin,  Ph.D. 

Tha  mi  sgith,    s  mi  leam  fhin 
A'  cur  Statistics  ann  an  uidheam 
Tha  mi  sgith  's  mi  leam  fhin 
'G  an  cur  sios  gu  h-6rdail. 

4'  cur  statistics  ann  an  nidheam 
Ann  an  uidheam  bhoidheich  ; 
Mi  'n  am  shuidhe  crom,  a'  guidheadh 
lad  bhi  'n  Tigh  Iain  Ghreota. 


Tha  mo  bhraithrean  rium  an  gruaim 
A  chionn  mi  bhi  'g  an  ruag  's  'g  am  brodadh 
Ag  iarraidh  uapa  freagradh  luath 
Do  cheistean  cruaidh  is  miomhail.   ' 
'S  mi  tha  sgith  .  .  . 

Co  leis  nacb  b'  fhearr  'bhi  foisneach,  reidh 
Aig  cagailt  ghrinn  a'  cluinntinn  na'dheachd 
No  luchd-ciuil  a'  seirm  gu  binn 
No  cuid  ag  innseadh  sgeulachd  1 
'S  mi  tha  sgith  .  .  . 

Cia  lion  ainm  a  th'  air  an  Roll 
An  coimeas  ri  mar  bha  an  uiridh  ? 
De  am  buannachd,  de  an  call  ? 
Na  cuir-sa  cam  an  Stoiri ! 
'S  mi  tha  sgith  ... 

Aireamh   fhoirbheach   is   luchd-riaghlaidh 
— 'S  mor  is  fhiach  a'  chuid  is  moth'  ac' — ■ 
An  sgoil-Shabaid,  's  an  class-Biobuill 
'N  ann  suas  no  'sios  a  tha  iad  ? 

'S  mi  tha  sgith  ...  .     , 

Am  bheil  Guild  ann,  's  comuinn  oigridh  ? 
Is  buidheann  shonruicht  de  luchd-tionail  ? 
De  na  thainig  a  stigh  de  storas 
Leis  gach  doigh  a'  b'  aill  leibh  *? 
'S  mi  tha  sgith  .  .  . 

De  na  thug  sibh  do  na  h-Aobhair 
Th'  air  an  sgaoileadh  air  an  duilleig  ? 
Ma  thug  a  bheag,  cha  b'  ann  gun  saothair — 
— Sibh  a,  dh'  fhaodadh  'raitinn. 
'S  mi  tha  sgith  .  .  . 

Is  mar  sin  sios,  gun  stad,  gun  sgios 
Gus  nach  bi  ni  gun  innseadh  agaibh 
Ach  a  Righ,  tog  orm  mo  phiob 
'Nuair  bhios  gach  ni  'na  aite ! 

An  Cleirmch  Sgith. 


Armageddon 

Leis  an  Ollarnh  Niali  Bos,  nach  maireann 

Mosgail  a   chlarsach  nan  dan  gu  luaidh  air 

gniombaran  gaisgeil. 
Labhraidh  an  t-al  nach  d'rugadh  le  meas  air 

na  curaidhean  calma. 
Dh'ardaich  cruadal  an  cliii,  is  dealraidh  an 

ainm  tre  na  linntean, 
Laoich  a  bha  dileas  gu  bas  a'  cosnadh  eirig 

na  saorsa. 

Ban-righ  nam  batal  cuain  a'  triall  sa'  chabh- 

anaich  mhaidne, 
Gruamach    liath-ghlas  grathail  mar  Chreag 

Gibraltar  a'  seoladh  ; 
Rotal    chuartag    'n   a    deidh,    is    sioban    a' 

sadadh  ma  toiseach, 
Oiteag    sgairteil    an    ceann    agus    tuinn    a' 

sloistreadh  ma  guaillean. 

Chum  i  a  ciirsa  gun  mheang  ged  thearnaich 

a'  ghrian  anns  an  fhairge  ; 
Siubhlaidh  an  iiibhrach  reidh  a  dh'  aindeoin 

siuilmara  no  soirbheis  ; 
Eagnuidb    togaidh    sibh   cuspair   an   cein   a 

ghunnairean  beachdail, 
Amaiseach   tilgidh    sibh   airra   an    croic   na 

h-ataireachd  bhuairte — 

Beithir    bho    chraos    nan    arm    mar    liibas 

bogha  na  h-iarmailt, 
T'ilgeadh  cinnteach  cronail  ge  cian  is  luainea(^h 

an  targaid  ; 
Cluinneadh  an  namh  tha  'n  diiil  gu  'n  glac  e 

ceannas  na  cruinne, 
Raoic  bho  Leomhann  Bhreatunn  an  toirm 

bhur  gunnachan  mora. 

Deorsa  le  fabhar  bho  shuas  air  Rioghachd 

eileanach  Bhreatunn, 
Coisrigte    crunte    'n    a    Righ    is    Dionadair 

dileant  a'  Chreideamh  ; 
Eisdeadh  a   shloigh  le   speis  ri   'earail  tha 

cothromach  cubhaidh  : 
"  Earbaibh  a  Dia  mar  ni  mise  " — is  radh 

do-cheannsachail  dearbhte. 

Maraiche  Rioghail  is  ceann  do  Rioghachd 

eileanach    Bhreatimn, 
Choinnich   is   chathaich   ri   'namh   an   tair- 

neanach  lasrachail  lutland  : 
Cuimhnicheadh  eileanan  cuain  is  tirean  cein 

tha  fo  'riaghladh — 
Sheol  an  Impire  caomh  fad  uaodh  bliadhain 

deug  air  an  fhairge. 

[Bidh  iomradh  air  a  leabhar  so  anns  an  ath 

aireamh.'] 


Aireamh  7 


1950 


Teachdairean  Dhe 


Bheir  e  aiihne  d'a  ainglibh  mu  d'  tMmcMoll  chum  do  ghleidheadh  ann  ad  shlighibh  iiiie. 

— Salm  xci.  11, 


AM  measg  gach  rud  maith  eile  a  thug 
aithrichean  nan  ludhach  dhuinn  anns  a^ 
BhiobuU  tha  na  naidheachdan  beaga  boidh- 
each  a  tha  iad  ag  innseadh  mu  ainglean. 
Tha  am  Biobull  l^n  dhiubh,  agus  tha  mi 
cinnteach  gur  fhearr  leis  a  h-uile  duine 
anns  a  bheil  grinneas  agus  ciall  a  bhi  leughadh 
mu  ainglean  na  bhi  a'  leughadh  mu  dheam.h- 
ain.  Chan  'eil  ach  aon  chrioch  a'  feitheam.h 
orra-san  leis  an  fhearr  a  bhi  cluinntinn 
mu  dheamhain,  gu'n  truaill  droch  chomh- 
luadar  an  deagh  bheusan. 

Na'n  robh  e  'n  am  chomas  tiodhlac 
luachmhor  a  bhuileachadh  air  mo  chairdean 
le  m'  urnuighean  ghuidhinn  air  Dia  an 
suilean  fhosgladh,  mar  a  dh'  fhosgail  e 
suilean  seirbhiseach  Elisa  ann  an  Dotan, 
chum  gu'm  faiceadh  iad  na  tha  dJi'  ainglean 
timchioll  orra  'n  an  dol  a  mach  agus  'n 
an  teachd  a  steach,  agus  theagamh,  'n 
am  measg  an  t-aingeal  a  neartaich  an 
Slanuighear  ann  an  Getsemane. 

Ged  tha  miltean  a  dh'  ainglean  a'  tachairt 
oirnn  anns  a'  Bhiobull  chan  'eil  gin  dhiubh 
air  an  ainmeachadh  air  an  ainm,  oir  'n 
an  nadur  tha  iad  na's  iriosaile  na  daoine, 
agus  na's  deise  air  a'  ghloir  uile  a  thoirt 
do  Dhia  anns  an  fhrithealadh  a  tha  iad  a' 
deanamh  do  chloinn-daoine.  Cha  d'  thuirt 
aingeal  riamh  an  rud  a  thuirt  Nebuchadnesar 
an  uair  a  bha  e  a'  spaisdearachd  ann  an 
luchairt  a  rioghachd,  "  Nach  e  so  Babilon 
mhor,  a  thog  mise  le  neart  mo  chumhachd, 
agus  air  son  onoir  mo  mhorachd  ?  "  'S 
e  bhios  na  h-ainglean  ag  radh,  "  Beannaichte 
gu'n  robh  Dia  agus  dhasan  gu'n  robh  a' 
ghloir  uile."  "  Agus  dh'  amhairc  mi  agus 
chuala  mi  guth  mhoran  aingeal  timchioll 
na  righ-chaithreach,  ag  radh  le  guth  ard, 
''  Is  airidh  an  t-Uan  a  chaidh  a  mharbhadh, 
air  cumhachd,  agus  saoibhreas,  agixs  gliocas, 
agus  neart,  agus  urram,  agus  gloir,  agus 
moladh  fhaotainn."  Sin  an  t-aobhar  nach 
'eil  ainm  aca  ach  an  t-ainm  a  bhuineas 
dhaibh  uile,  spioradan  frithealaidJi  no  teach- 
dairean an  Tighearna. 


Da  sheorsa 

Bhiodh  cuid  a  dh'  aithrichean  nan  ludhach 
ag  radh  gu  bheil  -da  sheorsa  ainglean  ann, 
an  fheadhainn  a  bhios  a'  frithealadh  do 
chloinn-daoine,  agus  an  fheadhainn  a  bhios 
a'  moladh  an  Tighearna  ;  agus  dhiubh 
sin  gur  e  na  h-ainglean-molaidh  as  airde 
agus  as  ro-naoimhe.  Aon  uair  's  gu'n  do 
thog  aingeal-molaidH  a  guth  ann  an  laoidh- 
mholaidh  do  Dhia  tha  i  a'  dol  a  bith,  oir 
rainig  i  iomlanachd  a  beatha,  is  chan  'eil 
sonas  no  aoibhneas  as  motha  dhi  air  neamh. 

Chan  abair  daoine  an  diugh  ach  saobh- 
smuaintean  ri  beachdan  neonach  de'n  t- 
seorsa  so,  ach  air  a  shon  sin  chan  fhaoineas 
e  do  dhuine  tiirail  air  bith  a  chreidsinn, 
agus  gu  sonruichte  do  shluagh  an  Tighearna, 
gur  e  bhi  moladh  ainm  uasal  an  Tighearna 
an  obair  agus  an  cleachdadh  as  fhearr 
agus  as  airde  ris  an  cuir  iad  am  bilean  no 
am  buadhan  anns  an  t-saoghal  so.  Teirgidh 
nithean  eile ;  sguiridh  searmonachadh,  is 
Sabaidean,  is  sacramaidean,  is  iirnuighean, 
is  committees,  is  statistics  ;  thig  crioch 
air  a'  chtiid  mhor  de  na  nithean  a  tha  an 
eaglais  a'  deanamh  an  diugh,  agus  a  tha 
air  an  cunntas  cho  feumail ;  agus  ochan, 
ochan,  thig  crioch  air  121,  Sraid  Sheorais 
cuideachd,  ach  cha  sguir  ceol  agus  laoidhean 
na  h-eaglais  gu  brath ;  mairidh  iadsan 
tre  linntean  na  siorruidheachd,  oir  tha  an 
eaglais  an  neamh  cho  maith  ris  an  eaglais 
air  thalamh  a'  moladh  ainm  an  Tighearn. 

Co  ris,  ma  ta,  a  theireadh  tu  duine  bochd 
agus  duine  truagh  ri  aghaidh  bais  is  siorruidh- . 
eachd  ?  Theireadh  ri  duine  aig  nach  'eil 
iarraidh  'na  chridhe  air  Dia  a  mholadh. 
Duine  a  chuir  seachad  a  bheatha  anns  an 
t-saoghal  so  gun  mhothachadh  aige  gu 
bheil  aobhar  aige  air  Dia  a  mholadh,  tha 
e  a'  dol  a  steach  do'n  t-saoghal  eile  bochd 
agus  truagh  agus  dall  agus  lomnochd. 

Ana-creidmhich 

Ann  am  baile  naomh  Jerusalem  agus 
am  measg  nan  ludhach  fhein  bha  gu  leor 


de  dhaoine  nach  robh  a'  creidsinn  ann  an 
aingeal  no  ann  an  spiorad,  agus  tha  barrachd 
de'n  t-seorsa  dhaoine  sin  an  Albainn  an 
diugh,  ach  tha  ainglean  Dhe  ri'm  faicinn 
ann  an  iomadh  cruth,  agus  tha  teaohdairean 
Dhe  (oir  sin  tha  am  facal  a'  ciallachadh) 
a'  tighinn  'g  ar  n-ionnsaidh  ann  an  iomadh 
doigh,  air  uairean  cho  neonach  'n  an  cainnt 
agus  'n  an  coltas  's  gu'n  teid  bliadhnachan 
seachad  m'  an  tuig  sinn  gur  e  aingeal  a 
bha  ann. 

An  uair  a  bhios  tu  a'  leughadh  nan  Salm, 
feumaidh  tu  a  chuimhneachadh  gur  e 
bard  a  sgriobh  iad,  duine  aig  an  robh  cainnt 
a  b'  ealanta  agus  a  bu  liomhta  na  chainnt 
mhaol  a  bhios  againne,  agus  mar  sin  gu'm 
feum  thu  coinneal  na  tuigse  cho  maith  ri 
Foclair  Eabhra  no  Gaidhhg  a  bhi  'n  ad 
laimh  an  uair  a  leughas  tu  mu'n  "  phlaigh 
a  ghluaiseas  ann  an  dorchadas,"  "  uamhais 
na  h-oidhche,"  "  na  saighde  a  ruitheas  's 
an  la,"  "  ribe  an  eunadair,"  agus  cunnartan 
eile  gun  ^ireamh  o'm  bheil  sluagh  an  Tigh- 
earnn  air  an  dion  le  bhi  a  chomhnuidh  fo 
sgaile  an  Uile-Chumhachdaich  agus  air  an 
comhdachadh  le  'iteagaibh. 

Saoilidh  na  daoine  nach  'eil  a'  creidsinn 
ann  an  aingeal  no  spiorad,  no  ann  an  ni 
nach  fhaic  an  t-siiil,  gu  bheil  an  Salmadair 
a'  dol  thar  na  cailce  agus  a'  leigeil  le  thean- 
gaidh  ruith  air  falbh  leis  an  uair  a  tha  e 
ag  radh,  "  Tuitidh  mile  ri  d'  thaobh,  agus 
deich  mile  air  do  laimh  dheis  ;  ach  cha 
tig  e  am  fagus  dhuit,"  "  Bheir  e  aithne  d'a 
ainglibh  mu  d'  thimchioll,  chum  do  ghleidh- 
eadh  'n  ad  shlighibh  uile."  "  'N  an  14mhan 
togaidh  iad  suas  thu  air  eagal  gu'm  buail 
thu  do  chas  air  cloich,"  ach  chan  'eil  facal 
aige  ach  an  fhirinn,  oir  bha  agus  tha  am 
fiosrachadh  so  aig  creidmhich  o  fhreasdal 
an  Tighearna  'n  am  beatha  fhein  gu  bheil 
esan  maille  riu  daonnan,  agus  a  chionn  gu 
bheil  nach  eirich  olc  dhaibh.  0  cheann 
gu  ceann  de'n  Bhiobuill  tha  an  fhirinn  sin  air 
a  teagasg  leis  na  naoimh  agus  na  h-abstoil. 
"  Is  e  toil  Dhe,  eadhon  'ur  naomhachadh," 
agus  tha  uile  fhreasdal  an  Tighearna  'n 
ar  beatha  air  a  dhealbh  le  gliocas  agus 
gradh  Dhe  chum  gu'm  bitheamaid  air  ar 
cumail  o  as-creideamh  agus  an-earbsa 
ann  fhein.  Sin  na  h-uilc  as  motha  anns 
an  t-saoghal,  agus  ma  tha  duine  air  a  shaoradh 
bhuapa  ciod  eile  tha  sin  a'  ciallachadh  ach  gu'n 
do  ghleidh  ainglean  Dhe  e  'n  a  uUe  shlighibh. 


Evander  Ros 

Bidh  mi  air  uairean  a'  bruidhinn  mu 
Evander  Ros  air  an  duUleig  so,  foirbheach 
maith,  agus  duine  laghach  ann  an  eaglais 
as  aithne  dhomh,  air  am  faod  cuimhne  a 
bhi  aig  cuid  agaibh.  Chan  'eil  a'  bheag  de 
choltas  nan  ainglean  air  Evander  o'n  taobh 
a  muigh,  ach  is  ann  aig  Dia  a  mhain  a  tha 
fhios  cia  meud  duine  a  bha  air  a  chumail 
air  a  chasan  a  chionn  gu'n  do  chuir  Dia 
Evander  'g  an  ionnsuidh  aig  an  am  cheart. 
0  chionn  ghoirid  bha  mi  a'  bruidhinn  ri 
duine  eile  anns  an  sgir  ud,  duine  diadhaidh, 
ach  duine  crosda,  cas  'na  nadur,  a  bha 
furasda  a  chur  bharr  a  shiiiil,  ach  aig  an 
robh  coguis  cho  maoth,  an  uair  a  thigeadh 
e  thuige  fhein,  's  gu'n  robh  e  a'  cur  seachad 
an  dara  leth  d'  a  bheatha  ann  am  fein- 
cheasnachadh  aithreachail. 

An  uair  a  dh'  fhaighnich  mi  dheth  ciamar 
a  tha  dol  dha  anns  na  laithean  so,  thuirt 
e  nach  robh  ach  gu  meadhonach ;  "an 
de  fhein,"  ars'  esan,  "  a  chionn  gu'n  cuala 
mi  naidheachd  bhreugach  a  bha  daoine  a' 
cur  orm  thainig  mi  dhachaidh  o'm  obair 
agus  mo  chridhe  Ian  dheamhan,  gun  smuain 
agam  air  Dia,  no  air  mo  mhnaoi,  no  air 
mo  theaghlach  no  air  creutair  bed  ach  a 
mhain  air  mo  ghearain  agus  m'  fhearg  fhein, 
agus  an  t-ana-ceartas  a  bha  Dia  a'  ceadach- 
adh  do  dhaoine  a  dheanamh  orm.  Ach 
eadar  sud  agus  am  na  suipearach,  c6  a 
thainig  a  steach  ach  Evander  Ros,  agus 
sgaoil  sinn  a'  chuis  uUe  ann  an  lathair  an 
Tighearna,  agus  an  sin  dh'  fhalbh  na 
droch  spioradan  as  mo  chridhe  gu  buUeach 
mar  gu'm  biodh  tirlar  salach  air  a 
sguabadh  glan,  co  aige  tha  fhios  nach 
e  Dia  a  chuir  Evander  Ros  'g  am 
ionnsuidh  mar  a  chuir  e  an  aingeal  gu 
Manoah  !  " 

An  sin  dhealaich  sinn,  ach  an  deidh 
dhuinn  dealachadh,  bha  am  facal  so  'n  am 
chridhe,  Bheir  e  aithne  d'  a  ainglihh  mu  d' 
thimchioll  chum,  do  ghleidheadh  ann  ad 
shlighibh  uile  ;  agus  thuirt  mi  rium  fhein 
gur  e  a'  cheud  rud  a  dheanainn  an  deidh 
dol  dhachaidh,  searmon  beag  a  sgriobhadh 
a  chuirinn  ann  an  Leabhar  Mios  na  h-eaglais, 
a  radh  ri  daoine  simplidh,  ciiiin,  gun  an 
dochas  a  chall  ann  an  suidheachadh  air 
bith  a  chionn  gu  bheil  miltean  a  dh'  ainglean- 
frithealaidh  aig  Dia,  a  tha  deanamh  a 
thoile. 


Anns  a'  Chathair 


'S  e  aon  de  na  nithean  as  motha  a  tha  feum 
againn  air  anns  a'  bheatha  so,  smuaintean 
nfesal  mu  Dhia,  oir  is  e  sin  a  mh^in  an  tobar 


fior-uisge  as  an  eirich  an  diadhaidheachd 
a  tha  fallain  agus  criosdail.  Ma  tha  thu 
ag  altrum  arm  ad  chridhe  smuaintean  leibid- 


i^NS  A'  CHATHAIR 


each  mu  Dhia  faodaidh  tu  bhi  cinnteach 
nach  'eil  iad  fior  agus  gu  bheil  thu  a'  toirt 
fianviis  bhreige  an  aghaidh  an  De  naoimh 
a  tha  grasmhor  agus  truacanta  ;  ceart 
'na  uile  shlighibh  agus  naomh  'na  uile 
ghniomharaibh.  Ma  tha  e  narach  agus 
peacach  do  dhuine  droch  chliu  a  thogail 
air  a  choimhearsnach,  nach  motha  gu  nior 
am  peacadh  dha  droch  chKu  a  thogail  air 
Dia! 

Ged  a  thachradh  an  creideamh  feall  so 
ort  an  dr^sd  's  a  rithist  an  Earra-Ghaidheal, 
cha  do  sgaoil  e  riamh  cho  farsuing  ann  's 
a  sgaoil  e  anns  an  Taobh  Tuath,  agus  cha 
robh  e  cho  laidir  ann  an  Eaglais  na  h-Alba 
's  a  bha  e  anns  an  Eaglais  Shaoir — an 
smuain  oillteil  so,  gu  bheil  Dia  a'  toirt 
breitheanais  air  daoine  sonraichte  agus 
air  teaghlaichean  sonraichte  air  son  gniomb 
air  choreigin  a  rinn  iad,  ged  nach  'eil  ceangal 
air  bith  eadar  an  droch  ghniomh  agus  am 
peanas  a  thainig  air  a  shail. 

Cha  chuala  mi  riamh  a'  bheag  de'n  t-seorsa 
bruidhne  so  'n  am  bhalach  ann  an  eilean 
mo  dhuthchais,  ach  an  uair  a  thoisich  mi 
air  m'  obair  ann  an  Sgir  Urchardan,  an 
Cleir  lonar-nis,  cha  robh  seachduin  d'  am 
bheatha  nach  cluinninn  naidheachd  de'n 
t-seorsa  so  air  a  h-innseadh  dhomh  le  daoine 
ttirail  a  shaoileadh  tu  nach  tugadh  gniiis 
do  ghisreagaich  fhaoin  a  bha  cur  as  leth  an 
Tighearna  gu  bheil  e  cho  beag  agus  cho 
leanabail  ruinn  fhein. 

Naidheachdan  gun  dreach  na  firinn  orra 

Aig  an  km.  cha  b'  aithne  dhomh  a'  bheag 
mu'n  teagasg  no  mu  na  beach  dan  a  bha 
aig  Aithrichean  Rois  agus  moran  de  na 
ministearan  eile  anns  an  Eaglais  Shaoir, 
ach  an  uair  a  thoisich  mi  air  leughadh 
eachdraidh,  agus  litreachas,  agus  propaganda 
na  h-Eaglais  Shaoir  bha  e  'na  ionghnadh 
leam  cho  cumanta  's  a  bha  beachdan  durbh- 
aidh  agus  neo-chi-iosdail  de'n  t-seorsa  so 
am  measg  an  t-sluaigh,  agus  na  bha  de 
naidheachdan  a'  sgiathalaich  air  feadh  na 
dilthcha  mu  dhaoine  air  an  d'  thug  Dia 
breitheanas  a  chionn  gu'n  do  rinn  iad  sud 
no  so,  no  gu'n  do  labhair  iad  facal  miomhail 
mu  dhuine  diadhaidh  ;  baillidh  ann  an 
Cataibh  nach  tugadh  larach  air  an  togadh 
iad  eaglais  do'n  Eaglais  Shaoir  a  thuit  as  a 
sheasamh  le  bas  sgiorraidh  ;  no  tuath  anach 
garg  an  Aird  Mhic  Shimidh  a  bhiodh  a' 
magadh  air  sluagh  an  Tighearna  agus 
d'  am  bu  chrioch  gu'n  robh  e  fhein  agus  a 
bhean  air  an  itheadh  bed  le  cnuimheagan 
a  thoisich  air  an  tolladh  anns  na  h-achlasan  ; 
no  uachdaran  a  mhionnaich  gu  fiadhaich 
ri    ministear    soisgeulach,    agus    ris    an    d' 


thuirt  am  ministear,  "Chuala  mi  o  lehovah, 
Tighearna  nan  sluagh,  sgrios  ;  thugaibh 
an  aire  agus  cluinnibh  mo  ghuth  ;  tha 
esan  iongantach  ann  an  comhairle,  oirdheirc 
ann  an  gniomh."  An  oidhche  sin  fhein 
m'  an  do  rainig  e  an  tigh  ghabh  an  t-each 
a  bha  e  a'  marcachd  sgiansgar  ;  thuit  an 
t-uachdaran  a  chaidh  as  an  amhaich  m'an 
d'  fhag  aile  nam  mionn  an  anail  aige. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  bha  fada 
barrachd  dheth  so  anns  an  Taobh  Tuath 
na  bha  ann  an  Earra-Ghaidheal,  ach  ged  a 
bha  daoine  cho  deas  gu  bhi  'g  radh  gu'm  bu 
"  bhreitheanas  o  Dhia  "  sud  no  so,  is  ann 
daonnan  air  daoine  eile  a  bha  e  'na  bhreith- 
eanas agus  cha  b'  ann  orra  fhein,  air  chor 
agus  gu'n  robh  iad  a'  call  buannachd  air 
bith  a  dh'  fhaodadh  a  bhi  ann  dhaibh  na'n 
toisicheadh  iad  air  iad  fhein  a  cheasnachadh 
car  son  a  bha  Dia  'gan  smachdachadh  'n  a 
fhreasdal.  Ach  cha  robh  buannachd  idir 
dhaibh  ann  a  bhi  saoilsinn  gu'n  d'  thug  Dia 
breitheanas  air  an  duine  ud  no  air  an  teagh- 
lach  ud  ;  mar  bu  trice  is  ann  a  bheireadh  e 
dhaibh  seorsa  de  thoileachadh,  mar  gu'm 
biodh  e  a'  dearbhadh  gu'n  robh  an  fheadhainn 
a  bha  'n  an  aghaidh,  agus  nach  bu  toigh 
leo,  olc,  agus  Dia  agus  iad  fhein  air  am 
fireanachadh. 

Ged  a  bhios  sinn  ag  aideachadh  le  'r 
bilean  gu  bheil  sinn  uile  toillteannach 
air  ifreann,  tha  mi  cinnteach  gu'n  d'  thug 
thu  an  aire  gur  ann  a  mh^in  d'  ar  "  naimh- 
dean  "  agus  do  "  dhaoine  nach  buin  dhuinn 
no  nach  toigh  leinn  "  a  tha  sinn  a'  luigh- 
easachadh  if  rinn  agus  breitheanas. 

Bha  Aithrichean  Rois  agus  muinntir 
an  Taobh  Tuath  Ian  de'n  t-seorsa  cr^bhaidh 
so,  agus  cha  robh  gin  idir  dhiubh  a  bu 
mhotha  a  bha  creidsinn  ann  na'n  t-OUamh 
Iain  Ceannaideach,  an  lonar-Pheofharan. 
Tha  so  ri  fhaicinn  gu  soilleir  anns  na  leabh- 
raichean  a  sgriobh  e. 

Ciod  a  b'  aobhar  dha  ? 

Cia  as  a  fhuair  iad  na  smuaintean  so  no 
an  inntinn  so  ?  "  Cha  bhiodh  e  uile  gu  leir 
cearr  a  radh  gu'n  d'  fhuair  as  a'  Bhiobull. 
Tha  gu  leoir  de'n  inntinn  so  anns  a'  Bhiobull, 
oir  bha  na  beachdan  so  aig  aithrichean  nan 
ludhach,  ach  's  iomadh  rud  a  tha  anns  a' 
Bhiobull  nach  'eil  am  BiobuU  fhein  a'  toirt 
gniiis  dha.  Ann  an  tomhas  cuideachd  fhuair 
iad  e  o'n  dileab  a  dh'  fhag  ar  n-Uithrichean 
againn  anns  na  linntean  dorcha  anns  an 
robh  iad  aineolach  air  Dia,  m'an  do  sgaoil 
solus  an  t-soisgeU  eire  throm  an  aineolais 
sin.  Agus  a  thuilleadh  air  sin  tha  boinne 
de'n  fhirinn  anns  an  teagasg  fhein,  oir  tha 
breitheanas  agus  smachdachadh  an  Tighearna 


ANNS  A'  CHATHAIR 


a'  dol  air  aghaidh.  gun  sgur  anns-an  t-saoghal, 
ged  nach  'eil  e  a'  dol  air  aghaidh  anns  an 
doigh  leanabail  anns  am  bu  mhaith  le 
daoine  Dia  a  bhuntainn  ri  daoine  eile  a 
bha  iad  a'  saoilsinn  toillteannach  air  breith- 
eanas  a  bhi  air  a  thoirt  orra. 

Ach  cha  d'  thug  Criosd  gntiis  do  na  beach- 
dan  so,  oir  tha  cuimhne  agaibh  an  uair 
a  dh'innis  daoine  araidh  dha  mu  na  h-ochd 
fir  dheug  air  an  do  thuit  an  tiir  ann  an 
Siloam,  a  mharbh  iad,  agus  a  dh'  fhaighnich 
iad  an  do  pheacaich  iad  os  cionn  dhaoine 
eile  a  bha  chomhnuidh  ann  an  Jerusalem,  is  e 
a  thubhairt  e,  "  Cha  do  pheacaich,  ach  mur 
dean  sibhse  aithreachas  sgriosar  sibh  mar  an 
ceudna. 

Am  freagradh 

Cha  leig  thu  leas  a  bhi  'n  dull  gu'n  teid 
agad  air  duine  aig  a  bheil  am  beachd  so  a 
chur  as  a  bheachd  le  argumaid  no  le  reuson- 
achadh,  no  eadhon  leis  a'  Bhiobull,  oir 
chan  ann  as  a'  chuid  as  fhearr  agus  as 
gloine  a  dh'  inntinn  an  duine  a  tha  e  ag 
eirigh  ach  as  a'  chuid  as  miosa  ;  a  fasach 
dubh  dorcha  a  tha  air  chul  na  h-inntinn 
reusonta,  anns  a  bheil  draoidheachd  agus 
eagal,  agus  droch  amharus,  agus  saobh- 
chreideamh,  agus  seorsachan  eile  de  chreut- 
airean  snaigeach  a'  siolachadh  cho  pailt 
's  gu  bheil  siol  maith  na  rioghachd  air  a 
thacadh.  Chan  'eil  ach  aon  doigh  air  duine 
a  shaoradh  o  bheachdan  puinnseanta  agus  o 
chreideamh  feall,  smuaintean  uasal  a  chur 
'na  inntinn  mu  Dhia. 

Sin  mar  bha  Ruairidh  MacThomais,  ann 
an  Druim-na-Drochaid,  air  iompachadh  ; 
agus  b'e  am  meadhon  a  ghabh  Dia  air 
Ruairidh  a  liubhairt  as  an  daorsa  chruaidh 
anns  an  robh  e,  boireannach  laghach  a 
Sasunn  a  bhiodh  a'  gabhail  an  tighe  aige 
air  mhal  sia  seachduinean  a  h-ixile  bliadhna 
anns  an  t-samhradh  ;  boireannach  diadhaidh 
ciiiin  de  chreideamh  nan  Quakers  anns  nach 
robh  dad  idir  de'n  osnaich  agus  de'n  och- 
anaich  a  bu  toigh  leis  an  eaglais  Shaoir. 
Bhiodh  e  daonnan  a'  cur  ionghnaidh  air 
Ruairidh  ciamar  a  b'  urrainn  creutair  cho 
maith  agus  cho  neochiontach  ri  Mrs.  Pugelot 
a  bhi  cho  aoibheil  sunndach. 

A  h-uile  bliadhna  a  thigeadh  i  bhiodh 
naidheachd  iir  aige  dhi  mu  bhreitheanas 
air  duine  air  choreigin  d'  a  choimhearsnaich 
a  b'  aithne  dhi ;  am  bliadhna  mu  dhuine 
ann  an  Oille-chuimein  nach  do  stad  de 
threabhadh  air  Sabaid  a'  Chomanachaidh 
agus  a  chaill  a  phaidhear  each  an  taobh 
a  stigh  de  sheachduin,  agus  an  taobh  a 
stigh  de  mhios  bha  caraid  aig  a  mhnaoi 
aige,  agus  bliadhna  eile  mu  chroitear  ann  an 
Obar-itheachan  a  thuirt  facal  taireil   mu'n 


Urramach  Murchadh  MacCoinnich,  lonar- 
nis,  agus  a  riiisg  a'  ghaoth  an  ceann  bharr 
an  tighe  aige,  agus  a  leag  tri  cruachan  air,' 
leis  an  stoirm  a  bha  ann  am  February. 
Dh'  innseadh  Ruairidh  mu  na  nithean  sin 
dhi  mar  gu'n  robh  iad  a'  toirt  misneach 
agus  comhfhurtachd  nach  bu  bheag  dha,  a' 
dearbhadh  gu'n  robh  Dia  'n  a  sheasamh 
an  comhnuidh  air  ionad-faire  agus  a  shlat 
'na  laimh.  Ach  air  a  shon  sin  bhiodh  e  a' 
cur  dragh  air  nach  robh  tlachd  aig  boirean- 
nach cho  maith  agus  cho  diadhaidh  ri 
Mrs.  Pugelot  annta,  agus  gu'n  tuiteadh 
neul  air  a  h-aodann  ciuin  an  uair  a  bhiodh 
e  'g  an  innseadh.  Chan  abradh  i  maith  no 
olc,  ach  dh'  fhalbhadh  i  a  dh'  aon  ruith 
as  a  shealladh,  ag  radh  gu  beag  rithe  fhein 
rannan  mar  so, 

A  reir  ar  peacaidh  iomarcaich, 
dioghaltas  oirnn  cha  d'  rinn  ; 

A  reir  ar  ciont'  is  easaontais 

cha  d'  thug  e  luigheachd  dhuinn. 

A'  bhliadhna  mu  dheireadh  a  bha  Mrs. 
Pugelot  anns  a'  ghleann  bha  i  corr  agus 
seachduin  anns  an  tigh  m'an  d'  tainig 
Ruairidh  'na  fianuis,  ach  an  uair  a  dh' 
fhaighnich  i  de'n  mhnaoi  aige  an  robh 
dad  cearr  air,  thuirt  i  rithe  nach  robh  dad 
cearr  air  a  shlainte  ach  gu'n  robh  buaireas 
'na  inntinn  o  thoiseach  an  t-samhraidh 
a  bha  'ga  chur  air  aimhreit.  Rug  an  lair 
aige  searrach  a  bha  neo-nadurra,  searrach 
air  an  robh  da  cheann,  agus  gun  fionna  gun 
bhrogan  idir,  agus  bha  Ruairidh  co  einnteach 
gur  e  "  breitheanas  "  a  bha  ann  's  gu'n  do 
stad  e  de  dhol  am  measg  dhaoine  leis  an 
naire  a  ghabh  e  gu'n  do  mhallaich  Dia  e 
fhein  agus  a  thigh  agus  a  theaghlach  gu 
follaiseach. 

Cha  robh  iomradh  aige  nach  robh  an 
seorsa  breitheanais  so  'n  a  oilbheum  dha 
cho  fad  's  is  ann  air  daoine  eUe  a  bha  e  a' 
tuiteam,  ach  cho  luath  's  a  bhean  e  ris 
fhein  chan  e  mhciin  nach  robh  Dia  air 
fhireanachadh,  ach  thoisich  e  air  ar-a-mach 
a  dheanamh  an  aghaidh  an  Ti  a  tha  naomh 
agus  uile-ghlic. 

Dh'  fheuch  Mghr  Logan,  dotair-each  an 
lonar-nis,  ri  Ruairidh  a  chur  as  a'  bheachd 
neo-chriosdail  a  bha  aige,  agus  thug  Mghr 
MacAoidh,  ministear  na  h-Eaglais  Shaoir, 
teagasg  glic  agus  diadhaidh  dha  air  a'  chiiis 
cuideachd,  ach  cha  robh  'nan  reusonachadh 
agus  'nan  teagasg  dha  ach  mar  fhuaim  na 
gaoithe  'na  chluasan,  agus  b'e  an  t-aingeal 
a  leig  a  mach  as  a'  phriosan  e  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  Mrs.  Pugelot  leis  na  smuaintean 
a   bhiodh   i   a'    cur    'na   inntinn   mu   Dhia, 


ANNS  A'  CHATHAIR 


agus  an  neul-duilichinn  agus  broin  a  thigeadh. 
air  a  h-aodann  an  uair  a  chluinneadh  i 
duine  a'  cur  rud  leibideach  as  leth,  an  Ti 
naoimh.  Tha  iomadh  rud  anns  an  diadh- 
aireachd    agus    anns    a'    bheatha    spioradail 


nach  urrainn  dhuinn  a  bhi  cinnteach  uime, 
ach  so  aon  ni  ris  am  faod  thu  t'  anam 
earbsadh,  nach  do  rinn  Dia  riamh  agus 
nach  dean  e  gu  brath  rud  a  chuireadh  naire 
air  duine  maith  a  dheanamh. 


Fo  Chraobh   Sheudair 

Aite  ris  an  abrar,  Har-Mageddon 


AGUS  chuala  mi  guth  mor  as  an  Teampull, 
ag  radh  ris  na  seachd  ainglean,  Rachaibh 
agus  doirtibh  a  mach  soithichean  feirge 
Dhe  air  an  talamh  .  .  .  Chagainn  daoine 
an  teanga  le  pian,  agus  thiig  iad  toibheum 
do  Dhia  neimh  air  son  am  piantan  agus  an 
creuchdan ;  ach  cha  do  ghabh  iad  aith- 
reachas  d'an  oibre. 

Seadh,  0  Thighearn  Dhe,  an  t-Uile-chumh- 
achdach,  is  fior  agus  is  ceart  do  bhreitheanas. 
Taisbean  xvi. 

Har-Mageddon 

So  an  t-ainm  a  thug  an  t-OUamh  Niall 
Ros  do'n  leabhar  a  sgriobh  e  an  Gaidhhg 
's  am  Beurla  mu'n  chogadh  mu  dheireadb, 
1939-45. 

0  bha  e  'na  ghille  6g  b'  aithne  do'n 
diithaich  Niall  Ros  mar  bhard,  agus  's  e  'm 
"  bard "  a  bhiodh  againn  air  an  uair  a 
bha  sinn  comhla  anns  an  Oilthigh,  ach  is 
suarach  na  chuir  e  a  mach  de  bhardachd 
an  coimeas  ri  daoine  eile  nach  cualas  riamh 
iomradh  orra  mar  bhaird  a  mach  o'n  bhaile 
anns  an  do  rugadh  iad,  agus  cha  chuimhne 
leam  gu  bheil  dad  de  na  rinn  e  air  mhaireann 
an  diugh  am  measg  an  t-sluaigh,  no  air 
am  bilean  'g  an  seinn  aig  Mod  no  banais, 
mar  tha  na  h-6rain  a  rinn  "  Fionn,"  is 
Calum  MacPharlain,  is  Iain  Camshron. 

Tha  mi  an  diiil  gur  e  a  choisinn  ainni 
baird  dha  cho  trath,  gu'n  robh  fior  choltas 
a'  bhaird  air  o'n  taobh-a-muigh,  air  a  shuil, 
is  air  a  cheann,  is  air  a  ghiulan  uile,  agus  a 
thuilleadh  air  sin  bha  e  cho  maith  air 
bardachd  bhard  eile  aithris  air  ard-urlar 
air  bith  's  gu'n  cuireadh  e  teas  anns  na 
Gaidheil  a  bhiodh  'ga  eisdeachd  nach 
cuireadh  neach  eile  annta  ach  Ruairidh 
MacLeoid  a'  seinn  Moladh  Beinn  Dorain. 
'Na  ghille  6g  rinn  Niall  Ros  barrachd  a 
dhusgadh  uigh  nan  Gaidheal  'n  an  cainnt, 
agus  a'  lasadh  teine  m.6r  a'  Mhoid  na  aon 
duine  eUe  as  aithne  dhomh,  agus  rinn  e  e 
leis  mar  a  bheireadh  e  air  daoine  an  druim 
a  dhireadh,  agus  an  uchd  a  thilgeadh  a 
mach,  'ga  chluinntinn  ann  an  talla  mor  a' 
toirt  dulain  do  Thim,  do  Shasunn,   do  na 


Cinnich,  agus  do'n  t-saoghal  uile,  Am  faigh 
a'   Ghaidhlig  bas  ? 

So  oidhhp  bardachd  as  fhearr  a  rinn 
Niall  Ros  riamh  ;  tha  e  fhein  ag  radh  nach 
'eil  ann  ach  "  crioman,"  no  fuigheall  beag 
de  'n  dan  mhor  anns  an  rpbh  e  'na  bheachd 
luaidh  a  dheanamh  air  gaisgealachd  Bhrea- 
tuinn  agus  nan  laoch  a  dhion  i  anns  a' 
chogadh  mu  dheireadh.  Cha  do  chriochnaich 
e  an  obair,  oir  thainig  a'  chrioch  air  fhein 
m'an  d'  fhuair  e  sin  a  dheanamh,  is  chan  'eil 
eachdraidh  a'  chogaidh  a'  dol  na's  fhaide 
na  chomhrag  eagallach  a  bha  eadar  soith- 
ichean-adhair  Bhreatuinn  agus  na  Gearm.ailte 
anns  an  speur  anns  an  Fhoghar,   1940. 

So  cuid  de  na  sreathan  anns  a  bheil  e  ag 
innseadh  nui'n  ionnsaidh  gharg  a  thug 
Goering  air  feachdan-adhair  Bhteatuinn  a 
sgrios. 

Uachdarain  air  na  GearmaiU  bh-uannaich  iomadach 

ruathar, 
Ghlac  iad  ceannas  an  adhair  le  mend  in  cumhachd 

Luftwaffe  ; 
Spideag   is   Doinionnach    theann,    le    Dlibhlanach. 

cuimir  ach  cronail, 
Spion  iad  an  carraid  air  sgeith  na  h-itean  a  lolair 

na  GearmaiU. 

Thairis    air    caoin    Eilean     Wight,    Southampton, 

Dover  is  Portsmouth, 
.  Seachd  fichead  heart  de'n  namh  ri  da  la  mhilleadh 

le  'r  gaisgiC'h  ; 
Naodh  fichead    inneal    bho'n    speur    an    treas    Id 

sindladh  gu  dolaidh, 
Fhuair    iad    achmhasan    geur    bha    Idimhseachadh 

Spideag  an  uamhais. 

Ruathar    thug    7iamh    air    cairteil    ghleacair    dluth 

air  an  fhairge  ; 
Dh'  fholaieh  na  sgiobachan  team'  am  beartan-catha 

's  na  coilltean  ; 
Ochd    ceud    itealan    luath    ri    da    Id    thadhail   am 

Breatunn  ; 
Thuirling  le  smiiid  gu  talamh  a  coig  is  da  fhichead 

deug  dhiubh. 

Cabhagach  neartaich  an  ndmh  a  sgaoth  de  sgiath- 

alain  batail  ; 
Maduinn  an  Naoimh  Bartolomu  dhuisg  an  dara 

cuairt-chatha. 
Tri  latha  thaom  am  fearg  air  cdmhnaird-itealan 

dhuthchail  ; 
Thuit  seachd  fichead   's   a   deich   is  ceithir   bho'n 

adhar  'n  am  bloighdean. 


6 


FO  CHRAOBH  SHEUDAR 


Ceaird-thighean   's  amis   nam   beaH   bu   chuspair- 

amais  do  Ndsach  ;  . 

Liubhair   e  coig  deug   thar  fhichead  gun   dail  de 

oidhirfean  guineach  ; 
Spideag  is  Doinionnach  threun  air  da  la  deireannach 

Lunaisd, 
Bhruan  an  caonnag  bais  seachd  fichead  's  a  ceithir 

de  bheartan. 

Diarras  naimhdeil  cho  dur  a  ghrabadh  ar  freiceadan 

adhair, 
Ghluais  Ard  Cheannas  nan  Gleacair  gu  rian  nan 

comhrag  a  chaochladh — 
Doinionnach  dheifrich  a  mach  an  dail  na  coimhead- 

achd  diona— 
Spideagan  teann  air  an  sail  a'  spadadh  na  sgiath- 

alan  spreadhaidh. 

Ochd  fichead  deug  is  coig  deug  thuit  de  ar  n-iidairean 

allail. 
Calldachd  an  ndmh  bu  shearbh,  an  direamh  doilleir 

ach  Uonmhor  ; 
Sgriosadh  dd  mhile  beart  is  ochd  fichead  deug  leis 

an  iomlan ; 
Gleacair,  spreadhadair ,  sgioba — bu  truagh  feachd- 

adhair  gun  soirbheas. 

Ddrnadair  dicmhail  mor  's  a  dhiidh  air  crios  na 

fear  buadha, 
Tachraidh  e  liobasta  trom.  ri  ceatharnach  smiorail 

is  lugha  ; 
Tulgaidh    tuaineal    a    cheann    mar    bhiiaileas    an 

cnapadair  sgoinneil 
Dbrn  fichead  uair  m,'  a  dhuilleig,   air  fior  theas 

meadhon  a  mhaothmn. 

Eadhon  an  Idn  Luftwajfe  an  ard  ionad-cbmhraig 

na  h-iarmilt, 
Thainig  le  treise  nan  tonn  'cur  sgdil  air  solus  na 

grdine. 
Ghabh  iad  is  dh'   aidich  ind   ruaig  le  fichead  Id 

ddisinneach  calla, 
Fichead  b'  e  suim  nam  beam  a  bhuail  's  a  lagaich 

an  tdbhachd. 

Chiiir  mi  sios  aii-  an  duilleig  so  cuid  mhaith, 
rannan  chum  's  gu'm  faiceadh  ar  luchd- 
leughaidh,  obair  a'  bhaird,  agus  gu'm  blaiseadh 
iad  air  an  son  fhein  am  meadar  no  an 
ranntachd  anns  a  bheil  an  dan  mor  so  air  a 
chux. 

Tha  e  car  duilich,  breith  chothromach  a 
thoirt  air  obair  de'n  t-seorsa  so,  ach  air  a' 
cheann  mu  dheireadh,  is  e  an  ealain  agus 
an  grinneas  agus  an  t-seoltachd  leis  a  bheil 
obair-litreachais  air  a  deanamh  an  aon 
dearbhadh  a  ghabhas  cur  oirre  no  is  coir 
dhuinn  a  chur  oirre.  0  bha  e  'na  dhuine 
6g  bha  gaol  aig  Niall  Ros  air  gach  gne 
ealain  a  bhios  sinn  a'  cur— moV  'n  an  deidh  ; 
b'  fhearr  leis  fada  cian  oran-mor  na  luin- 
neagan  aotrom  sunndach,  ceol-rnor  na  ceol- 
mearsaidh  no  puirt-a-beul.  B'e  sin  a' 
ghne    dhuine    a    bha    ann    agus    an    seorsa 


inntinn  a  bha  aige,  air  chor  agus  gu'm 
faodadh  tu  aithneachadh  air  a  cheum, 
air  a  labhairt,  agus  air  'uile  dhoighean, 
gu'n  robh  barrachd  statalachd  'na  inntinn 
na  bha  innte  de  bheothalachd.  Bha  e  a' 
creidsinn  gu'n  robh  am  modh  no  am  molldair 
ris  an  abraf  ann  am  Beurla  Epic  is  Hexa- 
meters anabarrach  freagarrach  an  Gaidhlig, 
agus  sin  a  thug  air  gairm  air  clarsach  nan 
dan  luaidh  air  na  gniomharan  gaisgeil  a 
rinn  Breatunn  agus  a  luchd-diithcha  mar 
gu'n  robh  e  'ga  dheanamh  an  cainnt  agus 
an  linn  Homer. 

Tha  fhios  agam  ciod  a  dh'  eireas  do'n 
leabhar  so  ;  molaidh  a  h-uile  duine  e  a 
bhruidhneas  uime,  ach  cha  leugh  iad  e, 
mar  a  mholas  a  h-uile  duine  Oisean  ged 
nach  leugh  iad  e.  Tha  iomadh  sreath  mhaith 
agus  samhladh  agus  coimeas  boidheach 
anns  an  Dan  mho?"  so  a  bu  mhaith  leam  a 
thoirt  am  follais  mar  theisteanas  do'n 
ealain-bhardachd  a  bha  aig  Mghr  Ros, 
ach  air  a  shon  sin  an  uair  a  leughas  tu  e 
aig  aon  suidhe  o  thoiseach  gu  deireadh,  's 
e  a'  chuimhne  a  bhios  agad  air  gu'n  d' 
fheuch  Mghr  Ros  ri  obair  a  dheanamh  le 
acfhuinn  a  bha  maol  agus  sean-fhasanta 
agus  neo-fhreagarrach  air  a  son,  Dan-mdr 
a  dheanamh  mu'n  t-saoghal  bhuaireasach, 
iipraideach,  bheo  so,  ann  an  Gaidhlig  agus 
ann  an  ranntachd  choimheach.  Rinn  e  i  cho 
maith  's  a  ghabhadh  i  deanamh,  agus  theag- 
amh  na  b'  fhearr  na  dheanadh  duine  eile  as 
aithne  dhomh,  ach  is  mor  an  t-saothair  agus 
is  neo-chinnteach  an  grinneas. an  uair  a  dh' 
iarrar  ort  obair  shnasmhor  a  dheanamh 
ann  am  fiodh,  gun  bhall-acfhuinn  ach 
sgian-luthaidh  agus  tal. 

Tha  na  baird  fhein  an  diugh  a'  stri  ri 
litreachas  a  tha  os  cionn  comas  na  Gaidhlig, 
ach  gle  bhitheanta  tha  a'  bhuil ;  chan  e 
bias  na  Gaidhlig  a  tha  air  an  sgriobhadh. 
Bha  Gaidhlig  mhaith  aig  Niall  Ros  ;  cha 
robh  na  b'  fhearr  aig  duine  eile,  ach  ged 
tha  iomadh  rud  maith  anns  an  dan  so  tha  e 
cho  duilich  a  leughadh  's  nach  rachadh 
agam  air  mur  biodh  a'  Bheurla  air  a  cur 
sios  mu  choinneamh  na  G&idhlig. 

Car  son  a  tha  na  baird  a'  fas  cho  duihch 
an  leughadh  1  Bha  Gaidhlig  mhaith  agus 
Gaidhlig  Sgitheanach  aig  Aonghas  MacDhon- 
nchaidh  nach  maireann,  agus  bu  bhard 
maith  e,  ach  sgriobh  e  dan  a  tha  cho  duilich 
a  leughadh,  Cnoc  an  Fhradhairc  's  gu'm  b' 
fhasa  leam  Tacitus  a  dheanamh  a  mach, 
no  dubh-fhacail  an  Leinibh  Ilich. 


Aig  an  Uinneig 


GED  nach  ruig  na  duilleagan  so  sibhse 
gii  toiseach  luly  tha  mi  'gan  sgriobhadh 
ann  am  meadhon  Mhaigh,  seachduin  m'an 
coinnich  an  t-Ard-Sheanadh.  Bithidh  oehd 
ceud  's  a  sia  de  mhinistearan  anns  an 
t-Seanadh,  agus  uiread  eile  a  dh'  fhoirbhich, 
air  chor  agus  ma  theid  e  air  seacharan  ann 
an  ciiis  air  bith  nach  e  cion  chomhairlichean 
is  aobhar  dha.  ''  Ann  an  lionm.hoireachd 
chomhairleach  tha  tearuinteachd," — bloigh 
de'n  fhirinn. 

Fad  na  seachduin  cha  rah6r  nach  bi 
obair  an  t-Seanaidh  a'  dol  air  aghaidh  a 
h-uile  mionaid  de'n  latha,  ach  ged  a  shaoileas 
cuid  nach  'eil  buintealas  aige  ris  an  t-Soisgeul, 
tha  riaghlaireachd  cho  feum.ail  anns  an 
eaglais  's  a  tha  e  anns  a'  Pharlamaid  no 
ann  an  gnothuichean  saoghalta.  Anns  na 
feasgair  bidh  coinneamhan  f osgailte  air  an 
gleidheadh,  a  dh'  innseadh  mu  obair  shois- 
geulach  na  h-eaglais  do'n  t-skiagh. 

Statistics 

Ged  tha  aobhar  aig  Cleirich  anns  na 
Cieirean  a  bhi  seachd  sgith  le  Statistics 
leis  na  tha  aca  ri  chruinneachadh  dhiubh, 
tha  iad  feumail.  Aig  toiseach  na  bliadlina 
bha  2357  sgir  no  coimhthional  ann  an 
Eaglais  na  h-Alba.  Tha  1,268,315  air  Rola 
a'  Chomanachaidh,  4892  barrachd  air  na 
bha  ann  an  uiridh.  Tha  de  Chomuinn  air 
an  cur  air  bhonn  anns  an  eaglais  agaiiin  fhein, 
anns  an  Eaglais  Shasunnaich,  ann  an 
eaglaisean  eile  am  Breatunn  agus  an  Eaglais- 
ean  Prostanach  na  Roinn  Eorpa,  's  nach 
'eil  e  furasda  cuimhne  a  chumail  orra,  ach 
ged  a  tha  iad  a'  deanamh  moran  bruidhne 
chan  'eil  anns  a'  bhruidhinn  sin  ach  bruidhinn 
fhein,  oir  'n  an  gluasad  cha  luaithe  iad  na 
seilcheag. 

Tha  ionmhas  na  h-eaglais  na's  pailte 
na  bha  e  an  uiridh  ;  chaidh  aice  air  ceithir 
cheud  gu  leth  a  thoirt  do  mhinistearan  am 
bliadhna ;  chan  'eil  gin  dhiubh  foidhe  sin, 
is  tha  moran  os  a  chionn. 

An  uiridh  bha  £44,000  a  dh'  ainbheach 
air  a'  Chomunn  a  tha  cur  an  t-soisgeil 
an  cein  ach  tha  e  nis  air  dol  sios  gu  £27,000. 
Thug  coimhthionalan  na  h-eaglais  deich 
mile  a  bharrachd  am  bliadhna  ha  thug 
iad  an  uiridh,  £608,500  uile  gu  leir. 

Fhuaras  £215,074  o  dhileaban,  agus  £91,412 
ann  an  tabhartasan  o  dhaoine  sonruichte 
agus  o  chomuinn  eile  an  taobh  am  muigh 
dhi  fhein.  Chan  e  cion  airgid  a  tha  air  an 
eaglais    ach    cion    beatha,    cion    creidimh, 


cion  eud  ;  tha  i  ag  radh  rithe  fhein,  Tha 
m,i  beartach  agus  air  fas  ann  an  saibhreas, 
agus  gun  fheum  agam  air  ni  sam  bith,  ach 
tha  Dia  ag  radh  rithe,  tha  thu  bochd,  agus 
dall,  agus  lomnochd  ;  comhairlichinn  dhuit 
or  a  cheannach  uamsa,  air  a  dhearbhadh 
anns  an  teine,  chum  giim  bi  thu  saibhir. 

Bha  aonadh  eaglaisean  air  a  dheanamh 
ann  an  coig  ar  fhiehead  sgir  an  uiridh. 
Cha  bhuannachd  so  daonnan.  Chan  'eil 
teagamh  nach  'eil  e  a'  sabhaladh  beagan 
airgid,  agus  chan  'eil  teagamh  nach  toigh 
le  cuid  de  dhaoine  an  sgioblachadh  a  tha  e  a' 
deanamh,  ach  am  bitheantas  tha  e  a'  fagail 
neasgaid  'n  a  dheidh  nach  'eil  furasda  a 
leigheas.  Tha  e  gorach  a  bhi  a'  cosd  airgid 
air  da  choimhthional  bheag  far  an  deanadh 
aon  fhear  gnothuch,  ach  tha  ana-caitheamh 
as  miosa  na  sin  a'  dol  air  aghaidh  an  121, 
Sraid  Sheorais.  Cha  b'  aithne  dhomh  aite 
riamh  anns  an  robh  an  aon  eaglais  aonaichte 
cho  laidir  no  cho  togarrach  ris  an  da  eaglais 
comhla  a  bha  roimpe.  Ach  is  e  a'  chuis  as 
miosa  uUe  gu'm  biodh  daoine  a  tha  'n  an 
coimhearsnaich  agus  'n  an  luchd-aideachaidh 
cho  dannarra  's  nach  eisd  iad  air  uairean 
ri  ciall  no  comhairle,  air  chor  agus  gu'n 
cuir  iad  cleir  ann  an  glais,  gun  fhios  aca 
eiod  as  fhearr  dhaibh  a  dheanamh,  sud  no  so. 

Bidh  e  gasda  Ard-sgoilear  fhaicinn  anns  a' 
Chathair  am  bliadhna  a  rithist,  agus  Ard- 
Admiral  air  an  Drochaid  shuas  os  a  chionn. 

Soiree  nan  Sgitheanach 

Is  fhada  o  bhithinn  a'  cluinntinn  mu 
"  Soiree  nan  Sgitheanach,"  ach  is  ann 
am  bliadhna  a  tha  an  te  mhor  mhor  aca, 
cuid  dhiubh  a  tha  aice  a'  tighinn  a  Canada 
agus  a  America,  agus  a  aitean  eile  a  tha 
fada  air  falbh,  agus  an  t-soiree  fhein  a' 
marsainn  seachduin.  Sin  soiree  a  b'  fhiach 
dhuit  soiree  a  radh  rithe. 

Chan  'eil  mi  cinnteach  car  son  a  tha  an 
cruinneachadh  so  aca,  co  dhiubh  is  ann  a 
thoUeachadh  no  a  spdilleadh  nan  aoighean, 
ach  faodaidh  an  da  rud  dol  comhla.  Anns 
na  dealbhan  a  chunnaic  mi  anns  na  paipearan- 
naidheachd  an  diugh  chan  'eil  gainne  petroil 
anns  an  eilean,  agus  bha  an  sluagh  cho 
diimhail  ann  am  Port-righ  's  gu'm  bu  mhaith 
an  gnothuch  ma  bha  "  leaba  is  braiceas  "' 
aca  dhaibh  uile. 

Chan  eil  teagamh  nach  robh  rud  no 
dha  's  an  amharc  aca  an  uair  a  chuir  iad 
ceann  anns  an  Fheill  so,  agus  a  thaobh  's 
gu'n   robh.   bean-uasal  Dh.un-bheagain   ann. 


AIG  AN  UINNEIG 


agus  Tomas  Johnstone  agus  Loch-iall,  agus 
Probhaist  Dhun  -  eideann,  is  Probhaist 
Ghlaschu,  chan  'eil  teagamh  nach  robh 
iad  a'  deanamh  innleachdan  air  chor-eigin  a 
tharruing  dhaoine  do'n  eilean,  a  dli'  fhaicinn 
beanntan  Chuilionn,  agus  a  phaigheadh  air 
a  shon.  Ma  tha  an  t-sid  raaith  tha  an  t-Eilean 
Sgitheanach  cho  n).aiseach,  o  Chaol-Acain  gu 
Cuith-Fhraing,  o  Shleibhte  gu  Dun-tuilm, 
's  gu'm  b'  fhiach  do  dhuine  air  bith,  aig  a 
bheil  cothrom  is  airgiod  sgriob  a  thoirt  'ga 
fhaicinn  a  h-uile  bHadhna. 

Ach  a  thuilleadh  air  gu'n  robh  e  am  beachd 
nam  planners  na  Sasunnaich  a  spiiilleadh 
an    uair    a    chuireas    e    draoidheachd    orra 


agus  a  bheir  e  bhuapa  an  cainnt  bha  iad 
a'  toirt  cuiridh  do  naisinn  an  eilein  a  tha 
thall  an  Canada  agus  an  America  tighinn 
dhachaidh  sgriob  am  bliadhna  a  dh'  iirachadh 
an  cuimhne  air  na  daoine  agus  na  h-aitean 
a  dh'  fhag  iad  'n  an  deidli.  Sin  na  daoine 
d'  am  bi  an  t-seachduin  so  'n  a  seachduin 
m.h6r.  Chan  'eil  uair  a  chuimhnicheas  mi 
orra  na  thig  an  t-sreath  so  air  ais  chugam, 

Home  they  come  to  me  the  old  grey 
mother 

o  pheann  an  Ollaimh  Lachlainn  MacGhill- 
eathain  Watt,  Sgitheanach  agus  bard  e 
fhein. 


An  t-ainm  mills 


CHAN'EIL  doigh  as  fhearr  air  cumhachd 
Chriosd  agus  obair  grais  anns  an  anam  a 
nochdadh  do'n  t-saoghal  na  iomradh  a 
dheanamh  air  daoine  sonruichte  anns  an ' 
robh  cum^hachd  Chriosd  air  fhoillseachadh 
gu  soilleir.  Sin  an  t-aobhar  gu  bheil  mi  a' 
sgriobhadh  air  an  duilleig  so  mu  Iain  Newton, 
searmonaiche  ainmeil  a  bha  ann  an  Sasunn 
anns  an  ochdamh  linn  deug. 

An  laithibh  oige  bha  e  mi-chiiramach  is 
aingidh-os  cionn  dhaoine  eile  ;  chaidh  e  gu 
muir  comhla  ri  athair  mu'n  robh  e  ach  da 
bhliadhna  dheug  a  dh'  aois,  agus  am  measg 
sheoladairean  agus  am  bailtean-puirt  dh' 
ionnsaich  e  gach  seorsa  uilc  a  b'  urrainn  do 
bhalach  6g  ionnsachadh.  Thuit  e  air  falbh 
gu  buileach  o  gach  cleachdadh  a  tha  glan  is 
urramach,  agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
thuit  e  air  falbh  gu  buileach  o'n  chreideamh 
anns  an  do  theagaisg  a  mh  athair  e.  Dh' 
fhas  e  'n  a  ana-creideach,  agus  cha  robh  rud 
a  b'  fhearr  leis  na  bhi  a'  connsachadh  ri 
daoine  eile  nach  robh  Dia  ann. 

Fad  greis  bha  e  ann  an  te  de  na  soithichean- 
cogaidh  ach  bha  a  theanga  cho  salach  agus  a 
gbniomharan  cho  ain-diadhaidh  's  gu'n  do 
chuireadh  aisde  e,  is  bha  e  air  a  sgiiirsadh 
gu  follaiseach  mar  dhroch  dhuine  am  baile 
Phlymouth. 

An  sin  fhuair  e  obair  ann  an  Africa  bho 
dhuine  a  bha  deanamh  airgid  le  bhi  reic 
thiaillean  ;  bha  e  'n  a  bhrdid  cho  mor  's  nach 
robh  suim  aige  do  Dhia  no  do  dhaoine,  is 
thuit  e  cho  iosal  's  nach  robh  eadhon  na 
daoine  dubha  toileach  bruidhinn  ris.  Ach 
ghabh  sgiobair  Sasunnach  a  thachair  air  ann 
an  Africa  tiuas  dheth  is  thug  e  dha  aite  air 
a'  bhata  aige  fhein. 

Air  dhoigh  air  chor-eigin  mu'n  am  so 
fhuair  e  greim  air  an  leabhar  a  bha  air  a 


sgriobhadh  le  Tomas  a  Kempis,  Leanmhuinn 
Chriosd.  Dhiiisg  an  leabhar  sin  a  choguis 
agus  thoisich  e  air  a  radh  ris  fein,  ciod  ma 
tha  na  nithean  so  fior  ?  Thoisich  e  air 
uinuigh,  agus  gus  an  naidheachd  a  dheanamh 
goirid  bha  e  aii  iompachadh. 

Tha  cuid  de  laoidhean  Iain  Newton  anns 
na  leabhraichean-laoidh  againne  anns  an 
eaglais  Chleirich,  ach  tha  aon  te  ann  a  tha 
anabarrach  boidheach  is  mills,  laoidh  a 
chumas  ainm  air  chuimhne  gu  brath  : — • 

Cia  milis  aimn  an  t-Slanuigheir  chaoimh, 
An  cluas  a'  chreidhmhich  bhochd ! 
Caisgidh  e  bron  is  ledn  nan  naomh, 
Gun  eUgal  orr'  roimh  lochd. 

An  spiorad  brixite  ni  e  slan, 
A'  fiiadach  crkidh  o'n  chridh'  ; 
Mar  mhana  ni  e  'n  t-acrach  Ian, 
'S  bheir  tamh  do'n  asVrach  sgith. 

Is  rud  iongantach  e  gu'm  biodh  aon  de  na 
laoidhean  as  milse  air  a  sgriobhadh  le  duine 
doirbh  ;  gu'm  biodh  laoidh  a  tha  cur  an  ceill 
gradh  an  anama  do'n  fhear-shaoraidh  air  a 
sgriobhadh  le  duine  cho  aingidh  ri  Iain 
Newton  a  chuir  seachd  dara  leth  d'  a  bheatha 
a'  mallachadli  ainm  losa.  Ach  theagamh  nach 
'eil  an  rud  cho  iongantach  idir  :  tha  cuimhne 
agaibh  air  an  naidheachd  a  dh'  innis  losa 
do  Shimon  mu'n  dithis  dhaoine  air  an  robh 
fiachan. 

'Na  shuilean  fein  bha  Iain  Newton  g  a 
fhaicinn  fein  mar  am  fear  air  an  robh  coig 
ceud  peighinn  de  fhiachan  aig  Dia,  agus  an 
uair  a  fhuair  e  na  fiachan  sin  uile  air  am 
maitheadh  dha  le  saor  ghras  an  Tighearna 
bha  a  chridhe  air  a  leaghadh  an  taobh-a- 
stigh  dheth  le  ionghnadh  is  gradh. 


Aireamh  8 


1950 


Searmoin  le  Connell  agus  le  Parker 


O  CHIONN  began  sheachduinean  chuir 
mo  charaid,  Eoghan  Mac-a-Phi,  fear  an 
Radio,  pasgan  de'n  Fhianuis  chugam,  a 
bha  air  a  chur  a  mach  leis  an  Eaglais  Shaoir, 
agus  air  a  dheasachadh  leis  an  Urramach 
Iain  Seoras  MacNeill,  an  Caladar,  deagh, 
sgoilear  Gaidhlig  aig  an  robh  fior  ealain 
air  Miosachan  no  Baidheanach  eaglais  a 
dheanamh  inntinneach  agus  blasda  agus 
taitneach  do'n  t-sluagh. 

Cha  robh  a  bheag  a  dh'  eolas  agamsa  air 
an  Fhianuis  riamh,  ged  bha  fhios  agam 
gu'n  robh  lamh  aig  an  Ollamh  Urramach 
Mac-an-Toisich  MacAoidh,  a  bha  anns  na 
Hearadh,  anns  an  t-seann  Fhianuis,  an 
uair  a  thainig  e  mach  an  toiseach,  fad 
ceithir  no  coig  a  bhliadhnachan,  agus  aig 
an  Ollamh  Calum  MacGhillinnein  anns  na 
bliadhnachan  mu  dheireadh.  Bu  mhaith 
a  b'  fhiach  an  Raidheachan  Gaidhlig  ud 
an  sgillinn  a  bha  e  a'  cosd,  ach  anns  na 
laithean  ud  's  e  bonn  fiachail  a  bha  ann  an 
sgillinn ;  gheibheadh  tu  da  sgadan  oirre, 
no  leth-phunnd  siapuinn,  no  da  phunnd 
soda,  no  ceithir  bocsaidhean  mhaidseachan, 
ach  an  diugh  chan  fhaigh  balach  de  shiucar- 
dubh  air  sgillinn  's  gur  fhiach  do  bhalaich 
eile  suidhe  laimh  ris  anns  an  sgoil. 

Thainig  e  'nam  inntinn  gu'n  taitneadh 
e  ris  a'  chuid  sin  de  luchd-leughaidh  nan 
duilleagan  so,  a  bha  cleachdte  ri  leughadh 
na  Fianuis,  na'n  tugainn  dhaibh  rudeigin 
as  a'  phasgan  a  chuir  Mghr  Mac-a-Phi 
chugam,  a  dh'  uraicheadh  an  cuimhne  air 
laithean  agus  air  daoine  a  chaidh  a  nis  gu 
buileach  as  an  t-sealladh.  Anns  an  aireamh 
so  ma  ta,  m'an  cuir  mi  an  Fhianuis  air 
ais  gu  mo  charaid,  bheir  mi  dhuibh  sop  no 
dha  asda,  agus  an  toiseach  turus  a  thug 
Mghr  Alasdair  Domhnullach,  ministear  Aird- 
chlach,  do  Lunnainn  agus  na  searmoin  a 
chual  e  ann. 

^  ^  Hi  :}; 

La  Sabaid  an  Lunnainn 

^  Chaith  mi  a'  cheud  Sabaid  de  July  ann 

an  ceann-bhaile  na  rioghachd.  'S  e  cheud 
ni  a  ghlac  m'  aire  anns  a'  mhaduinn  cho 
samhach  's  a  bha  na  sraidean  an  coimeas 
ris   an   tartar   agus   an   diimhladas   sluaigh 


a  bha  orra  air  feasgar  Di-sathuirn.  Bha 
am  baile  mar  gu'n  robh  e  air  cluinntinn  a' 
ghutha  o  Shinai,  "  Cuimhnich  la  na  Sabaid 
a  naomhachadh."  Ach  anns  an  fheasgar 
bha  e  mar  gu'm  biodh  e  air  fas  bodhar 
do'n  ghuth  ud. 

iVir  an  t-slighe  gu  Eaglais  Regent  Square 
far  an  do  rinn  mi  m'  aoradh  m.aidne  bha 
tim.chioll  air  leth- cheud  de  bhalaich  oga 
anns  an  deise  Ghaidhealaich — ^am  feileadh- 
beag,  breacan,  agus  boineid-bhiorach — a' 
coiseachd  gu  h-6rdail  ri  m'  thaobb,  dithis 
is  dithis,  a'  dol  do'n  eaglais.  Chaidh  iad  a 
steach  do'n  eaglais  romham.  agus  .suas  air 
an  lobhta.  B'  e  Sabaid  a'  Chomanachaidh  a 
bh'  ann,  agus  mar  sin  bha  na  h-eildearan 
aig  an  dorus,  a'  gabhail  nan  comharraidhean 
o'  n  luchd-comanachaidh  mar  a  bha  iad  a' 
dol  a  steach  ;  a'  cur  an  luchd-comanachaidh 
air  an  urlar-iochdrach,  agus  an  fheadhainn 
nach  robh  a'  comanachadh  air  an  lobhta. 
Bha  suas  ri  mile  anns  an  eaglais.  Shear- 
monaich  Alasdair  Connell,  ministear  urra- 
mach agus  comasach  a'  choimthionail  sear- 
mon  driiidhteach  o  na  briathran  "  Nochd 
e  dhaibh  a  lamhan  agus  a  chasan."  (Lucas 
24,  40). 

Bha  na  h-iirnuighean,  roimh  an  t-searmoii 
agus  as  deidh  an  t-searmoin,  anabarrach 
soluimte,  na  briathran  simplidh  agus  tearc 
an  aireamh,  ach  luchdaicte  le  brigh  agus 
le  spiorad  an  fhior-chrabhaidh.  Cha  robh 
cor,  suidheachadh,  no  inbhe,  am  m.easg 
dhaoine,  nach  robh  air  an  cuimhneachadh 
agus  air  an  toirt  an  lathair  an  Tighearna. 

Thoisich  e  air  a  shearmon  le  bhi  ag  radh 
gur  e  an  doigh-theagaisg  a  b'  fhearr  le 
Criosd  a  bhi  teagasg  tre  chosmhalachdan. 
Chleachd  e  an  doigh  sin  anns  a'  ghniomh  ud 
— a'  nochdadh  dhaibh  a  lamhan  agus  a 
chasan.  B'  e  cosm.halachd  ann  an  gniomh 
a  bha  ann,  agus  troimhe  theagaisg  e  gu 
tosdach.  Am  measg  nithean  eile  theagaisg  e 
(1)  cruas  nam  fulangasan  troimh  an  deach- 
aidh  e  fhein.  Tha  aig  a  h-uile  beatha  chrios- 
dail  ri  ni-eigin  cosmhuil  ri  sud  ri  nochdadh 
mar  an  ceudna.  (2)  Bha  an  gniomh  'na 
fhoillseachadh  air  comh-fhaireachduinn 
Chriosd,    a    bha   aige   r'    a   dheisciobuil   an 


SEARMOm    LE    CONNELL    AGUS    LE    PARKER 


comhnuidh.  Is  iomadh  trioblaid  leis  an 
deachaidh  iad  'ga  ionnsuidh  air  nach  'eil 
iomradh  air  a  dheanamh.  Is  docha  nach 
e  Nicodenius  an  t-aon  neach  a  chaidh  'ga 
ionnsuidh  's  an  oidhche.  Faodaidh  a  dheisc- 
iobuil  a  bhi  cinnteach  gu'n  dean  e  am  beatha 
agus  gu  bheil  co-fhaireachduinn  aige  riu,  ciod 
air  bith  an  suidheachadh  anns  am  bi  iad. 
(3)  Bha  gniomh  Chriosd  'na  fhoillseachadh 
air  buaidh  ;  cha  robh  e  gu  fulang  no  gu 
basachadh  tuilleadh.  Bha  a  bhuaidh-san 
'na  buaidh  air  son  a  sMuaigh,  agus  bidh 
comh-phairt  aca  innte. 

An  deidh  an  t-searmoin  bha  Sacramaid 
na  Suipearach  air  a  frithealadh  ann  an 
sam chair  sholuimte,  ach  cha  robh  earail 
air  bith  air  a  thoirt  do'n  luchd-comanach- 
aidh,  aon  chuid  roimhe,  no  an  deidh  dhaibh 
an  t-aran  agus  am  fion  a  ghabhail  o  na 
h-eildearan.  Theagamh  gu'm  b'  e  an  t-aobhar 
nach  robh  tiine  air  a  dheanamh  ;  agus  gu 
bheil  moran  de  bhuill  na  h-eaglais  ud  fo 
chuing  aig  maighstirean,  agus  gu'm  feum 
iad  uairean  sonruichte  a  fhrithealadh.  Ach 
bha  ro.i  sona  agus  taingeil  a'  fagail  na 
h-eaglais  gu  bheil  leithid  Mghr  Connell  ann 
an  Lunnainn  (Eaglais  Chleireachail  Shasuinn) 
agus  gu'm  faod  Gaidheil  dol  innte  agus 
aoradh  a  dheanamh  do  Dhia  a  reir  ghnaths 
an  diithcha  agus  an  aithrichean. 

Anns  an  Teampull 

Anns  an  fheasgar  chaidh  mi  do'n  eaglais 
aig  Doetair  Parker,  eaglais  a  chumas  da 
rahile.  Bha  an  eaglais  Ian,  agus  mar  chomli- 
nadh  do'n  t-seinn  bha  na  h-innealan-ciuil 
so  air  an  uisneachadh  ann  an  Teampull 
a'  Bhaile,  mar  a  theirear  ris  an  eaglais; 
organ,  da  fhidheall,  agus  da  chornet.  Ach 
oho  luath  's  a  thog  an  sluagh  an  guth  bha 
fuaim  nan  innealan  air  a  mhiichadh.  B'  e 
an  ceann-teagaisg  a  ghabh  Doetair  Parker, 
"Agus  'na  dheidh-san  bha  Samgar  mac 
Anait,  a  mharbh  de  na  Philistich  se  ceud 
fear  le  luirg-iomain  dhamh."  »(Breith.  Ill, 
31).  B'  e  a'  cheud  fhacal  a  thubhairt  e, 
So  duine  a  rinn  obair  mhor  le  arm-cogaidh 
gle  bheag.  Rinn  e  obair  iongantach  le 
inneal  suarach.  Co  an  duine  a  bhios  an 
comhnuidh  a'  gearan  gu  bheil  droch  charbh- 
atr  aige,  no  droch  pheann  ?  Thusa.  Tha 
thu  an  dull  na'm  biodh  tu  a'  fuireach  ann 
an  tigh  she-  storaidhean  gu'm  biodh  tu 
'n  ad  dhuine  mor.  Cha  bhitheadh .  Feumaidh 
tu  do  shuidheachaidhean  a  ghlacadh  air 
sgornan  agus  an  lubadh  a  reir  do  thoile. 
Oibrich  leis  na  buill-acfhutnn  a  tha  agad, 


agus  ris  a  bheil  thu  cleachdte,  mar  a  rinn 
Samgar,  agus  mar  a  rinn  Daibhidh  leis  a' 
chrann-tabhuill  leis  an  do  mharbh  e  am 
famhair.  Co  as  a  thainig  am  foghlumaiche 
a  b'  fhearr  an  Cambridge  am  bUadhna  ? 
Na  innsibh  e  ann  an  Gat.  Thainig  a  sgoil 
anns  nach  cuireadh  tusa  do  mhac,  sgoil- 
buird.  Cha  dean  Dia  tair  air  a'  bhochd. 
Faodaidh  anmanna  a  bhi  air  an  ionipachadli 
tre  raheadhonan  araidh  ris  nach  robh  thusa 
cleachdte  ;  faodaidh  raointean  de  chriiith- 
neachd  a  bhi  air  an  gearradh  sios  leis  a' 
chorran.  Togaidh  tu  an  corran  'n  ad  laimh  ; 
seallaidh  tu  air  gu  geur,  agus  their  thu, 
"  Chan  e  so  an  stamp  a  tha  air  a'  chorran  a 
tha  mise  cleachdte  ris."  Ach  coma  leat  an 
stamp  ma  bhuaineas  e  an  cruithneachd. 
Ma  tha  maith  air  a  dheanamh,  ma  tha 
anmanna  air  an  tearnadh,  ma  tha  misgearan 
air  an  deanamh  stuama,  agus  meirlich  air 
an  deanamh  'n  an  daoine  onorach,  sguir 
dheth  do  ghnuthasdaich,  ged  nach  do  thachair 
e  anns  an  doigh  abhaistich,  no  tre  na  meadh- 
onan  abhaisteach.  Ma  tha  thu  dol  a  labhairt 
ri  d'  ''^chomh-chreutatrean,  labhair  riu  'n 
ad  chainnt  fhein  gu  nadurra,  gun  a  bhi 
feuchainn  ri  daoine  eile  aithlis.  Ma  tha  toil 
agad  dol  air  cheann  obair  na  ministrealachd 
car  son  nach  'eil  thu  'ga  dheanamh  gun 
dail.  Ma'  s  ann  o  Dhia  a  tha  do  thogradh, 
theid  leat,  ach  nmr  h-ann  cha  deanadh 
an  t-uidlieamachadh  araidh  a  tha  thu  a' 
miannachadh,  gramar  agus  Greigis,  moran 
feum  dhuit.  Cuiridh  an  sluagh  dearbhadli, 
ort,  agus  mur  bheil  dad  agad  a  bheir  thu 
dhaibh,  fagaidh  iad  thu.  Rach  thusa  air 
d'  aghaidh  ann  an  neart  an  Tighearna  agus 
dean  a'  chuid  as  fhearr  de'n  inneal  a  tha 
agad.  Na'n  robh  eagal  air  Samgar  roimh 
Statistics  cha  robh  aon  Philisteach  aii'  a 
mharbhadh.  'S  e  theireadh  e,  "  Tha  se 
ceud  dhiubh  ann ,  is  mise  'n  am  aonar  ;  tha 
iadsaii  armaichte  acdi  chan  'eil  agamsa  ach 
am,  bioran  so  ;  is  fhearr  dhomh  teicheadh.' 
Ach.  chan  e  sin  a  thubhairt  e  ;  's  e  thubhairt 
e,  "  Far  dhomh  mo  sheann  lorg-iomain, 
agus  theid  mi  mach  ann  an  ainm  an  Tighearn 
an  aghaidh  a  naimhdean."  Agus  bheannaich 
Dia  an  ni  beag  a  thug  Samgar  dha,  agus 
rinn  e  fhein  mor  e. 

( Alasdair  Connell,  sgoilear  maith,  a  rugadh 
ann  an  Earra-Ghaidheal,  a  bha  air  oileanach- 
adh  an  Oilthigh  Dhun-eideann,  ach  a  choimh- 
lion  a  mhinistrealachd  an  Eaglais  Chleirechail 
Shasuinn. 

loseph  Parker,  Prionnsa  am  measg  shear- 
7nonaichean ,      D.L.). 


Ministearan  agus  na  Daoine 


AN  uair  a  bha  an  Seanadh  cruinn  an  Dun- 
eideann  am  bliadhna,  bha  mi  fhein  agus 
ministear  eile  agus  triuir  fhoirbheach,  tuath- 
anacli,  bancair  agus  maigstii'-sgoile,  a'  gabhail 
tea  comhla,  agus  fad  na  h-iiine  a  bha  smu 
comhla  cha  mhor  gu'n  robh  seanchas  eile 
againn  ach  so,  A  bheil  ministearan  a'  dol 
air  an  ais  ?  'S  e  na  h-6raidean  a  bha  sinn  a' 
chiinntinn  anns  an  t-Seanadh  a  thog  an 
seanchas,  agus  bha  am  bancair  gu  sonraichte 
(thainig  e  as  an  eaglais  U.F.)  laidir  'na 
bheachd  nach  'eil  an  cudthrom  anns  na 
ministearan  oga  a  bha  anns  an  fheadhainn 
a  bha  romhpa. 

Bha  sinn  air  ar  roinn  'nar  barail ;  bha 
na  foirbhich  cinnteach  nach  'eil  uiread 
de  "  mhinistearan  mora  "  an  Albainn  an 
diugh  's  a  bha  ann  o  chionn  tri  fichead 
bliadhna.  Theagamh  nach  'eil,  ach  chan 
'eil  mise  cinnteach  gur  e  crioch  araidh 
ministeir  a  bhi"  mor  "  anns  an  t-seagh  a  bha 
iadsan  a'  ciallachadh  ;  a'  seasamh  a  mach 
OS  cionn  am  braithrean  mar  shearmonaichean 
no  mar  sgoilearan,  no  mar  luchd-labhairt, 
no  m.ar  riaghlairean,  no  mar  dhaoine  cho 
trom.,  soluimte  's  gu'n  ceannsaicheadh  iad 
bancairean  agus  tuathanaich  agus  maighis- 
tearan-sgoile  le'n  coltas.  Is  fhearr  le  coim.h- 
thional  an  diugh  am  ministear  a  bhi  laghach, 
simplidh,  coibhneil ;  freasdalach  agus  fair- 
eachail,  seach  a  bhi  'na  shearmonaichc  mor. 
Tha  uile  shluagh  an  t-saoghail  a'  dol  air 
ais  an  diugh  anns  an  t-seagh  nach  'eil 
uiread  dhiubh  a'  seasamh  a  mach  os  cionn 
chaich,  mar  a  bha  Saul  ann  an  Israel, 
oir  mar  is  airde  tha  mithean  an  t-saoghail  a' 
fas  is  ann  as  isle  a  tha  na  maithean  a'  coimh- 
ead.  xAn  uair  a  sheallas  tu  air  achadh 
cruithneachd  no  eorna  air  an  robh  an  todhar 
air  a  sgaoUeadh  gu  neo-chothromach  tha 
moran  de  na  diasan  na's  fhaide  na  each, 
ach  tha  beo-shlaint  dhaoine  an  diugh  air  a 
sgaoileadh  agus  air  a  roinn  cho  cothromach 
am  measg  an  t-sluaigh  uile  's  gu  bheil  am 
milghadh  a  bha  eatorra  aon  uair  a  thaobh 
meudachd  a'  dol  uidh  ar  n-uidh  as  an  t- 
sealladh.  Ach  air  a  shon  sin  bidh  uachdarain 
agus  iochdarain  anns  an  t-saoghal  gu 
deireadh  an  t-saoghail.  Chan  abair  mi  air 
a'  cheann  gur  e  sin  toil  Dhe,  oir  bhiodh  e 
dana  do  dhuine  air  bith  a  radh  gur  aithne 
dha  inntinn  an  Ti  shiorruidh  a  tha  cho  glic 
's  gu'n  teid  aige  air  a  bhi  'na  thoscl. 

Obair  Dhiomhaineach 

Ach  cha  lean  mi  air  a'   chiirsa  so  na'   s 


fhaide  oir  tha  uiread  ri  radh  air  an  da 
thaobh  's  nach  biodh  ceann-finid  aig  an 
t-seanchas  na'n  toisichinn  air  fhaighneachd 
cia  dhiubh  a  tha  daoine,  is  oilthighean,  is 
eaglaisean,  doctau'ean,  is  ministearan,  is 
golfers,  a'  dol  air  an  ais,  no  a'  tighinn  air  an 
aghaidh.  Tha  daoine  a'  caoidh  gu  bheil 
eaglaisean  falamh,  ach  tha  barrachd  dhaoine 
an  Albainn  an  diugh  a'  cluinntinn  shearmon 
na  bha  riamh  ann  ;  'nan  tighean  fhein, 
ged  is  eu-coltaeh  an  tigh-bocsa  anns  am 
bi  cuid  dhiubh  ag  eisdeachd.  riu  ri  Teampull  a 
bhaile  an  Lunnainn,  agus  is  eu-coltach  aran 
seagaill  an  Radio  ris  a'  bhiadh  laidir  a 
bhiodh  Doctaii'  Parker  a'  toirt  do  mhuinntir 
Shasuinn. 

An  uair  a  bha  mi  ann  an  sgoil  Raining, 
an  lonar-nis,  's  ann  do'n  Eaglais  Ard,  far 
an  robh  an  t-Ollamh  Tormod  MacLeoid 
a  bhithinn  a'  dol.  .  Bha  an  eaglais  faisg 
air  a  bhi  Ian,  ach  an  diugh  tha  mi  a'  cluinntinn 
gu  bheil  i  air  dol  sios  gu  mor.  Bha  an  Eaglais 
Shaor  a  bha  laimh  rithe,  anns  an  robh 
M'urchadh  Mac  Coinnich,  Ian  cuideachd, 
na  bu  laine  na  'n  Eaglais  Ard,  ach  an  la- 
roimhe  bha  fear  a  mhuinntir  lonar-nis  ag 
innseadh  dhomh,  an  uair  mu  dheireadh  a 
bha  e  innte,  nach  robh  e  an  dull  gu'n  robh 
ceithir  fichead  duine  innte.  Tha  e  'na 
aobhar-broin  do  dhaoine  eile  a  thuilleadh 
air  a'  choimhthional  aice  fhein,  gu  bheil  an 
eaglais  so  a  bha  aon  uair  cho  laidir  a  nis 
cho  roinnte  's  gu  bheil  i  'na  ball-bruidhne 
aig  na  Philistich. 

Bha  latha  eile  ann. 

La  na  Ceisd  'san  Eaglais-a-Tuath 

Anns  an  Fhianuis,  an  October  1893, 
tha  iomradh  air  la  na  Ceisd  anns  an  eaglais 
so,  a  bha  aig  an  am  'na  h-eaglais  uir.  Bha 
mu  shia  ceud  duine  innte  eadar  an  coimh- 
thional  aice  fhein  agus  coigrich.  An  deidh 
seinn  agus  iirnuigh  agus  leughadh  nan 
Sgriobtuirean  thug  Lachlann  Friseal,  duine 
dall  a  Srath-fharagaig,.  a  mach  mar  bhonn- 
ceisde,  "  mar  chrann-ubhall  am  measg  chrann 
na  coille,  is  amhuil  mo  riin-sa  am  measg 
nan  oganach  :  fo  a  sgaHe  mhiannaich  mi, 
agus  shuidh  mi  sios,  agus  bha  a  thoradh 
mills  do  mo  bhlas,"  (Dan  Sholaimh,  II,  3)  ; 
agus  dh'  iarr  e  comharraidhean  air  a' 
mhuinntii'  d'  am  bheil  toradh  Chriosd  mills. 

Dh'  fhosgail  Doctair  Aird  a  Creich  a'  cheisd 
ag  innseadh  cho  freagarrach  's  a  tha  Criosd 
do  pheacaich,  d'  an  coguis  agus  d'  an  tuigse, 


MINISTEARAN    AGUS    NA    DAOINE 


agus  an  fhailt  a  tha  e  a'  ciir  air  an  dream  a 
thig  d'  a  ionnsuidh.  Chan  'eil  maighstir- 
sgoil  air  bith  a  chuireadh  siias  leis  a'  pheacach 
ach  Criosd.  Chan  urrainn  maighstir-sgoil 
comas-foghhiim  a  thoirt  do  leanabh  miir 
bheil  e  ann  gu  nadurra,  ach  tha  Criosd 
ag  atharrachadh  an  anania  ionnus  gu  bheil 
comas  air  a  thoirt  clha  a  bhi  togail  teagasg 
Chriosd,  agus  a  bhi  faicinn  maise  Chriosd. 
"  Ghradhaich  e  mise,  agus  thug  e  e  fein 
air  mo  shon.  'S  e  an  gradh  so  a  bbi  air  a 
bhreithneachadh  agus  air  fhaireachadh  a 
tha  ag  aomadh  a'  pheacaich  e  fhein  a  thoirt 
thairis  do  Chriosd.  Tha  ann  an  Criosd 
"  mar  ehrann-ubhall "  sgaile  o  theas  na 
greine.  Tha  a  thoillteanas  a'  tighinn  eadar 
an  creidmheach  is  fearg  Dhe.  'S  e  geallaidh- 
ean  Dhe  na  h-ubhlan,  agus  tha  geallaidhean 
Dhe  milis  do'n  chreidmheach. 

An  deidh  an  Doctair  Aird  labhair  naoi 
duine  deug  air  a'  cheisd ;  a  Gleann — 
Urchardan,  Fearn,  Dubhras,  an  Toiseachd, 
Cilltarlagan,  Roscuinidh,  Ruigh-soluis,  Gearr- 
loch,  Obar-itheachan,  agus  a  sgirean  eile 
mu  Thuath.  Ach  cleas  iomadh  cleachdadh 
agus  fasan  eile  a  bha  aon  uair  air  a  shaoilsinn 
crabhach  agus  buannachdail  do'n  diadhaidh- 
eachd,  chaill  La  na  Ceisd  a  bhrigh  agus  a 
bhlas  ann  an  siiilean  an  t-sluaigh,  agus  tha 
e  a  nis  a'  dol  gu  samhach  agus  gu  reidh 
as  an  t-sealladh  mar  chaidh  lehoram  an 
uair  a  shiubhail  e  gun  ionndrainn  air. 


Ceannardan  an  t-sluaigh 

Air  clar-toisich  na  Fianuis  tha  cuimhne 
agaibh  gu'n  robh  dealbhan  dhaoine  mora 
air  an  tarruing  :  bha  Iain  Knox  agus  Tomas 
Chalmers  ann  daonnan,  agus  duine  iir  air 
chor-eigin  a  h-uile  raidh,  a  bha  air  a  chunntas 
mor  agus  urramach  anns  an  Eaglais  Shaoir. 
Am  measg  nan  dealbhan  sin  chunnaic  mi 
Mac-an-T6isich  Mac  Aoidh,  Iain  Domh- 
nullach  na  Toiseachd,  Tomas  MacLacblainn, 
Iain  Ceannaideach,  agus  Gustavus  Aird, 
diadhairean  agus  sgoilearan  nach  fhaigheadh 
tu  an  leithidean  anns  a'  Ghaidhealtachd 
an  diugh,  ach  chan  abrainn  sin  mu  Sheoras 
MacAoidh  agus  Murchadh  MaeCoinnicb,  ged 
bha  seasamh  agus  ughdarras  agus  urram 
aca  anns  an  eaglais  agus  am  measg  an  t- 
sluaigh.  Cha  b'  ann  le  'n  eolas  no  le  cum.hachd 
an  searmonachaidh,  no  le  'n  comasan-inntinn 
a  fhuair  iad  an  t-aite  a  bha  aca  ach  le  ni- 
eigin  pearsonta  agus  diomhair  a  bha  'nan 
aoraibh  fhein  gu  nadurra,  ris  an  abrar  anns 
a'  Bheurla  character,  rud  nach  'eil  facal 
agamsa  air  a  shon  an  Gaidhlig  ach  snaoisean, 
ged  is  eu-coltach  ri  cheile  an  da  fhacal. 

( Na'n  deachaidh  Seum.as  Moffat  am  measg 
nan  "  Daoine"  anns  an  Eaglais-a-Tuath 
air  la  na  Ceisd,  agus  na'n  d'  innis  e  dhaibh 
a  bheachd  gu  saor  air  ciod  a  bha,  an  rann  ud 
a'  ciallachadh,  tha  mi  cinnteach  gu'n  abradh 
iad  le  aon  ghuth  gu  robh  Satan  air  tighinn 
am  measg  mic  Dhe.    D.L.). 


Fo  Chraobh  Sheudair 


AN  uair  a  bha  an  t- Urramach  Iain  Deorsa 
MacNeill  a'  deasachadh  na  Fianuis  bha 
cuid  mhaith  dhaoine  a  bhiodh  'ga  chuideach- 
adh,  'nam  measg  Fionn  agus  a  dhaimheach 
K.W.G.,  mar  bhiodh  i  a'  cur  sios  a  h-ainme, 
ach  bha  da  mhinistear  araidh  a  bha  dha 
mar  bha  Aaron  agus  Hur  do  M'haois,  a' 
cumail  suas  a  lamhan  le  dilseachd  agus  le 
riaghailteachd  nach  d'  fhailnich  riamh, 
Alasdair  Domhnullach,  an  Aird-chlach,  agus 
Alasdair  MacRath,  a  bha  aon  uair  an  Clachan 
Chinn-tir,  agus  an  deireadh  a  laithean,  an 
Tunga  Chataibh. 

Cha  b'  aithne  dhomh.  Alasdair  Domh- 
nullach is  chan  fhaca  mi  riamh  e,  ach  b' 
aithne  dhomh  Alasdair  MacRath.  is  bha  meas 
mor  agam  air  mar  mhinistear  soisgeualch 
a  bha  gaol  an  t-soisgeil  domhain  'na  chridhe. 
Bha  peann  fir-sgriobhaidh  dheis  aige,  agus 
sgriobh  e  moran  de  rudan  beaga  laghach 
am  Beurla  agus  an  Gaidhlig,  anns  a  bheil 
aile  ciibhraidh  na  diadhaidheachd,  mu  obair 
shoisgeulach  an  duthchannan  cein,  mu 
"  dhusgaidhean "  an   Albainn,   agus   mu   na 


"  Daoine  "  anns  an  Taobh  Tuath.  Bha  sron 
cho  glan  aige  a  dh'  fhaotainn  aile  "  dusgaidh," 
Siar  no  Sear,  Tuath  no  Deas,  'gam  bitheadh 
e,  's  a  bha  aig  D.  T.  MacAoidh,  a  bha  ann  an 
Tiriodh,  a  dh'  fhagadh  an  t-eilean  leis  a' 
cheud  bhata,  's  a  leigeadh  dheth  curam 
eaglais  is  mnatha  is  teaghlaich  is  uile  obair 
an  t-saoghail,  an  uair  a  chluinneadh  e 
gu'n  robh  "  diisgadh "  anns  na  Hearadh 
no  an  Leodhus.  B'  e  Alasdair  MacRath 
lamh  dheas  MhicNeill  ann  a  bhi  toirt  eolais 
do'n  eaglais  mu'n  obair  shoisgeulach  a  bha 
dol  air  aghaidh  air  feadh  an  t-saoghail. 
Eadar  e  fhein  agus  Miss  Rainy  bha  an 
Eaglais  Shaor  anns  a'  Ghaidhealtachd  air 
a   cumail  'na  dusgadh  a  thaobh  Missions. 

Teagasg    nan    Aithrichean 

Anns  na  chunnaic  mi  de'n  Fhianuis, 
's  e  Alasdair  Domhnullach  a  bhiodh  a' 
deanamh  iomraidh  air  "  La  na  Ceisd " 
anns  na  sgirean  fa  leth,  agus  tha  an  t- 
iomradh  am  bitheantas  cho  mion-eolach 
's   gu'm   feum   gu'm   biodh   e  fhein   a'   dol 


FO  CHRAOBH  SHEUDAR 


mu'n  cuairt  na  duthcha  a  dh'  ionnsuidh 
nan  coinneamhan  ud.  'S  ann  leis  na  coin- 
neamhan  ud  a  bha  beul-aithris  air  a  chumail 
beo,  agus  teagasg  nan  aithrichean  air  a 
ghleidheadh  air  chiiimhne. 

Chluinneadh  tu  o  fhear  as  doiclh  fir  de 
na  "  bodaich,"  "  Tha  cuinilme  agam  air  an 
Doctair  Aird  a  bhi  searnionacliadh  ann  an 
Craoich,  agus  innsidh  rai  dbuibli  eiod 
a  thubhairt  e  nxu'n  dealachadh  eadar  bo 
a  tha  ceangailte  air  sioman  anns  a'  bhathaich, 
's  gun  dad  aiee  ach  sop  tioram,  agus  beathach 
a  tha  niach  ag  ionaltradh  a  h-inle  la — ." 

'■  Chuala  mi  an  Doetair  Domhnullach 
ag  radh  aig  orduighean  a'  (Hinuie-bhain 
gu  bheil  creideamh  fosnihuil  ri  bean-tighe 
a'  del  a  dh'  iarraidh  a  h-iiile  ni  a  bha  'ga 
dith— ." 

"  An  deidh  do  Mghr  Cook  an  t-Ollamh 
Candhsh  a  chhiinntinn  thuirt  e  '  is  ann 
learn  a  bu  mhaith  a  thoirt  dhachaidh  'n 
am  phocaid'." 

Thuirt  bean  dhiadhaidh  a  Armadal  air 
leabaidh  a  bais,  "  Tha  an  diabhol  'gam 
thachdadh."  (Ciod  air  bith  a  bha  i  a' 
ciallachadh  leis  an  fhacal  cha  b'  urrainn 
do  neach  eile  an  iirnuigh,  a  dheanam.li 
aig  taobh  a  leapa,  '  Biodh  mo  chrioch 
dheireannach-sa  cosmhuil  r'a  crich-se'). 

Na  h-Urracha  mora 

Domhnullach  an  Toiseachd,  Maighstir 
Lachlainn,  Mghr  Cook,  Iain  Ceannaideach, 
an  Doctair  Aird,  MacRath  Mor,  sin  na 
daoine  a  bu  trice  a  chluinneadh  tu  am 
briathran  air  an  urachadh  air  La  Ceisd, 
ach  tha  mi  an  dull  gur  ann  aig  MacRath 
Mor  a  bha  an  t-aite-toisich  anns  na  h-Eileanan 
an  lar.  Fad  da  no  tri  mhiosan  anns  an 
t-samhradh,  an  uair  a  bha  mi  'n  am  bhalach, 
bhithinn  a'  dol  a  dh'  eaglais  an  Tairbeart 
anns  na  Hearadh,  ""ri  linn  Iain  MhicGill- 
eathain  a  bhi  'na  mhinistear  innte.  Tha 
cuimhne  balaich  air  nithean  anns  nach 
robh  a  chridhe  aig  an  am  gu  maith  neo- 
ohinnteach,  ach  ma  dh'  fhaodas  mi  earbsa 
a  oliur  'n  am  chuimhne  fhein,  b'  annamh 
Sabaid  a  dh'  fhagamaid  an  eaglais  gun 
ainm  MhicRath  Mhoir  a  chhiinntinn,  agus 
am  bitheantas  b'  fhiach  e  a  chhiinntinn. 


La  a  bha  e  a'  searmonachadh  'na  eaglais 
fhein  anns  na  Lochan  air  a'  cheann-teagaisg, 
"  Oir  bha  sinne  fein  uaireigin  eu-ceillidh, 
eas-umhail  "  (Titus  III,  3).  Thug  c  greis 
a'  labhairt  air  dith  ccill  nam  peacach  a 
bha  toirt  diibhlain  do  Dhia,  agus  an  sin 
thubhairt  e,  Na'm  faiceadh  tii  duine  a' 
falbli  an  t-saoghail,  a'  siubhal  fiach  fhaotainn 
a  mach  co  an  sluagh  as  amaidiche  air  an 
talamh,  na'n  tigeadh  e  stigh  an  diugh  a 
dh'  eaglais  nan  Lochan  ;  na'n  cluinneadh 
e  na  briathran  a  tha  an  cluasaibh  an  t- 
sluaigh  ;  na'm  faiceadh  e  an  aireamh 
mhor  dhiubh  a  tha  'nan  cadal,  agus  am 
mi-churam  a  tha  sgriobht'  air  aodainn  cuid 
de  na  tha  'nan  diisgadh,  ciod  a  theireadh  e  ? 
Theireadh  e,  so  an  sluagh  ;  cha  ruig  mi  a 
leas  dol  na  's  fhaide  ;  fhuair  mi  an  rud  a 
bha  m.i  ag  iarraidh  ;  's  e  sluagh  sgir  nan 
Lochan  sluagh  as  amaidiche  'san  t-saoghal. 
An  sin  shin  e  mach  a  ghairdean  fada,  agus 
thubhairt  e,  0,  mhuinntir  nan  Lochan,  is 
sibh  a  bhios  diimhail  ann  an  iutharn. 

Duine  garg  a  bha  ann  ged  bha  e  'na 
shearmonaiche  comasach. 

Ged  bha  Suipear  an  Tighearna  air  an 
t-8abaid  an  deidh  La  na  Ceisd,  tha  mi 
an  diiil  nach  robh  dad  air  a  radh  mu'n 
t-8acramaid.  Naomh  a  mach  o'n  fhein 
cheasnachadh  a  bha  daoine  a'  deanamh 
orra  fhein  an  uair  a  bha  iad  ag  iarraidh 
o'm  braithrean  comharaidhean  an  fhior 
chreidmhich. 

Chan  'eil  ceum  eile  anns  a  bheil  teagasg 
agus  cleachdadh  na  h-eaglais  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  cho  facia  o  theagasg  agus  o  chleach- 
dadh  na  h-eaglais  choitchinn  's  a  tha  iad  a 
thaobh  Sacramaid  na  Suipearach,  air  chor 
agus  gu'm  biodh  e  na  bu  bhuannachdaile 
dhuinn  ar  n-aire  uile  a  chumail  air  an  aon 
ni  so,  bliadhna  as  deidh  bliadhna,  gu  faidh- 
idinneach  agus  gu  dicheallach,  a'  feuchainn 
le  teagasg,  agus  leis  gach  doigh  eile  as 
aithne  dhuinn  air  beachdan  fallain  a  chur 
ann  an  inntinn  na  h-6igridh  mu  mheadhonan 
nan  gras.  Tha  e  duilich  teagasg  a  thoirt  do 
dhaoine  aig  nach  'eil  iarraidh  air,  ach  chan  e 
cion  airgid  no  cion  dhaoine  a  tha  air  an 
eaglais  an  diugh  ach  cion  teagaisg. 


Aig  an  Uinneig 


An    Seanadh 

ANNS  an  aireamlx  mu  dheireadh  bha  ionu'adh 
cho  fada  agus  cho  mionaideach  aii-  obair 
an  t-Seanaidh  's  nach  ruig  inise  a  leas  an 
corr  a  radh  uime  ach  a  nihain  gur  e  ministear 


Gaidhealach,  Iain  MacAoidh,  an  Eaglais 
Iain  Knox,  an  Glaschu,  a  rinn  aon  de  na 
h-6raidean  a  bu  mhotha  a  thug  toileachadh 
agus     gaireachdainn     do'n     t-Seanadh     am 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


bliadhna,  agiis  d'  an  d'  thug  iad  eisdeachd 
agus  aire  mhaith,  ciod  air  bith  a  thig  aisde. 

Anns  a'  ghainne  mhinistearan  aig  a 
bheil  Gaidhlig,  bha  c  air  son  gn'ni  biodh 
cumha.  air  a  chiir  air  niinistearan  aig  a  bheil 
Gaidhlig,  agiis  a  fhuair  cuideachadh  o 
Chomunn  Gaidhealach  na  h-eaglais  an  uair 
a  bha  iad  anns  an  oilthigh  no  ann  an  (Jollaisd 
na  Diadhachd,  gu'ni  feuniadh  iad  a'  cheud 
choig  bliadhna  d'  am  ministrealachd  a 
ohur  a  stigh  far  a  bheil  Gaidhlig  air  a  sear- 
nionachadh .  Thnirt  e  gii'm  biodh  ho  reusonta  ; 
gu'n  robh  tri  deug  agus  da  fhichead  nxinistear 
aig  an  lobh  Gaidhlig  ann  an  eaglaisean 
Benrla,  agus  naeh  leigeadh  na  h-eaglaisean 
a  bha  nis  falamh  anns  a'  Gnaidhealtachd 
a  leas  a  bhi  ban  idir  na'n  do  rinn  cuid  dhiubh 
sin  an  dleasdanas  ris  a'  Chomunn  Ghaidh- 
ealach  o'n  d'  fhuair  iad  cuideachadh. 

Cha  robh  ann  ach  rud  gun  bhrigh  a  bhi 
gearan  's  a'  ciuchran  air  onrachdas  mhinis- 
tearan anns  na  h-Eileanan  an  lar  agus  an 
aitean  iomallach  eile — Chan  'eil  duine  air 
bith  onrachdach  ma  chumas  e  air  ag  obair. 
A  bheil  an  fheadhainn  a  chaidh  a  niach 
leis  an  t-soisgeul  gu  iomallaibh  na  talmhainn 
onrachdach  ann  an  cridhe  Africa  no  ann 
am  meadhon  China  ?  Ma  chuir  Pol  seachad 
til  bliadhna  ann  an  Arabia,  nach  m.aith  a 
dh'  fhaodadh  Pol  Gaidhealach  coig  bliadhna 
a  chur  seachad  ann  am  Bearnaraidh  Leodhuis  ! 
"  0  chionn  bhliadhnachan,"  arsa  esan, 
"  fhuair  Sgitheanach  posta  maith  an  Dim- 
eideann,  ach  cha  robh  e  fada  anns  a'  bhaile 
gus  ail  do  bhuail  an  cianalas  e,  is  thuirt  e 
gu'm  feuniadh  e  dol  air  ais  do'n  Eilean. 
Dh'  fheuch  daoine  ri  choro.hairleachadb 
ag  radii  ris,  '  Gu  de  bhios  agad  anns  an 
Eilean  ach  coineanan  is  caoraich'  ?  "  B'  fhearr 
learn,"  ars  esan,  "  a  bhi  'nam  choinean  'san 
Eilean  Sgitheanach  na  bhi  'nam  dhuin-uasal 
an    Dim-eideann." 

Thuirt  e  gu'n  do  chuir  e  fhein  seachad 
ochd  bliadhna  deug  d'  a  mhinistrealachd 
anns  na  h-Eileanan  an  lar,  ach  nach  robh  e 
riamh  onrachdach.  Cha  robh  uine  aige 
a  bhi  onrachdach,  oir  bha  obair  aige  ri 
dheanamh,  agus  ged  a  bha  e  a  nis  a'  dluth- 
achadh  ri  feasgar  a  laithean,  cha  bu  leasg 
leis  dol  air  ais  a  ris. 

Bha  cridhe  an  t-Seanaidh  le  Mghr  MacAoidh 
anns  an  ni  a  bha  e  a'  tagradh  air  a  shon, 
ach  ged  bha  tuilleadh  bruidhne  air  a 
dheanamh  uime,  tha  a'  cheist  a  thog  e  cho 
duilich  a  fuasgladh  's  nach  robh  dad  air  a 
dheanamh  ach  gu'n  do  gheaJl  Comunn 
Gaidhealach  na  h-Eaglais  gu'n  cumadh  iad 
a'  chuis  'n  an  cuimlme  agus  'n  an  aire. 


Pill,  0  m'  anam,  gu  d'  shuaimhneas 

0  Sheanalair  Smuts  no  Sir  Stafford  Cripps 
gus  am  ministear  no  an  ceistear  as  diblidhe 
anns  na  h-Eileanan  an  lar,  chan  'eil  duine 
a  labhras  am  follais  air  beulaibh  dhaoine 
eile  niu  chor  muladach  an  t-saoghail  anns 
na  laithean  so  nach  e  an  duan,  an  aon  du^^an, 
a  bhios  aige,  nach  'eil  doigh  air  saorsa  no 
fuasgladh  fhaotainn  as  na  cunnartan  agus 
as  na  teanntachdaibh  anns  a  bheil  uile 
shluagh  an  domhain  ach  doigh  Chriosd. 
Tha  so  air  aithris  agus  air  ath-aithris  cho 
trie  "s  gu'n  saoil  thu  gur  e  do  charaid  an 
t-OUamh  Theodore  Boanerges  Theophiius 
Pom-Pom  a  tha  bruidhinn.  Ach  ged  a  bhios 
iad  uile  ag  radii  so  chan  'eil  duine  beo  'gan 
creidsinn,  air  neo  ma  tha,  chan  'eil  e  a' 
deanamh  milghadh  air  bith  anns  an  t- 
saoghal. 

An  diugh  fhein  dh'  ioc  mi  mo  bhoidean 
do  Dhia  agus  rinn  mi  m'  iirnuigh  ri  Dia 
ann  an  eaglais  mhor  agus  mhaiseach  an 
Dim-eideann  far  an  do  shearmonaich  am 
ministear  mu'n  oidhirp  a  tha  an  Fhraing 
agus  a'  Ghearmailt  agus  rioghachdan  eile 
a'  deanamh  air  gual  is  iarunn  a  chur  gu 
bail  a  bhios  buannachdail  dhaibh  uile, 
a'  criochnachadh  leis  an  fhacal  so  ann  an 
guth  laidir,  "  Chan  'eil  doigh  eile  air  obair 
is  beatlia,  malairt  is  marsantachd  an  t- 
saoghail,  a  chur  ceart,  ach  an  doigh  a  bha 
aig  losa  Criosd."  Ach  cha  d'  innis  e  dliuinn 
ciod  an  doigh  a  bha  aige,  ma  bha  fhios 
aige  fhein  air.  Och,  Och,  thuirt  mise  rium 
fhein,  thainig  mi  do  cheann-bhaile  na  h-Alba 
far  an  do  shearmonaich  Iain  Knox,  agus 
Raibeart  Bruce,  agus  Alasdair  Whyte,  agus 
Seumas  Camshron  Lees,  a  dh'  iarraidh  facal 
o  Dhia  agus  lan-beoil  de  'n  aran  bheo, 
ach  fhuair  mi  mi  fhein  anns  a'  Ghrioglachan 
ag  eisdeachd  ris  an  Urramach  Theodore 
Boanerges  Theophiius  Pom-Pom,  D.D.,  a 
bha  a  ghuth  mar  ataireachd  na  mara  no 
stoth  a'  chladaich  air  an  traigh.  Chan  'eil 
rud  air  an  t-saoghal  as  sgitheile  na  bhi  ag 
eisdeachd  ri  sglamhruinn  a  tha  fior  gu 
leor  ach  a  bhiodh  a  cheart  cho  fior  anns  a' 
Ghrioglachan,  a  tha  cho  fada  air  falbli  o 
shaoghal  nam  beo  's  gur  coma  dhuit  co 
dhiubh  a  tha  ann,  an  fhirinn  no  an  fhaoineas. 

An  deidh  dhomh  tighinn  dhachaidh  agus 
mo  shuipear  a  ghabhail,  naomhaich  mi  an 
t-Sabaid  agus  fhuair  mi  mo  ehuibhrionn 
de'n  aran  bheo  nach  d'  fhuair  mi  an  Dim- 
eideann,  le  bhi  leughadh  gus  an  deachaidh 
mi  a  laighe  leabhar  a  bha  air  a  sgriobhadh 
le  seann  diadhair  m'an  robh  an  soisgeul 
agus  an  creideamh  air  am  fiaradh,  agus  an 
eaglais  au  a  garnachadh,  le  politics  agu6 
economics. 


AIG  AN  UINTsTEIG 


"  Tha  e  an  comas  duine  seirbhis  a 
dheanamh  do  Dhia  anns  an  t-saoghal  so  an 
iomadh  ddigh  ;  le  urram  a  thoirt  do  Ghriosd 
agiis  gaol  a  chridhe  ;  le  bhi  dleasdanach 
ri  theaghlach  agus  riusan  a  bhuineas  dha 
agus  coibhneil  ri  choimhearsnaich  agus 
ri  uireasbhaich ;  dileas  d'a  mhaighstir 
agus  treibhdhireach  'na  bheatha  agus  'na 
chair,  ach  os  cionn  dhaoine  eile  bu  chdir 
do  vbhinistearan  agus  do  luchd-dreuchd 
na.  h-eaglais  gach  cuspair  eile  a  sheachnadh 
a  thairngeadh  inntinnean  dhaoine  air  falbh 
o  Dhia  agus  o'n  t-Slanuigkear  a  chuir  Dia 
'gr  an  saoradh,  chan  ann  o  bhochdainn,  no 
ain-tighearnas  dhaoine,  ach  o'n  pheacadh 
a  tha  'n  an  cridheachan  fhein,  as-creideamh, 
farmad,  gamhlas,  ana-mianna  a'  chuirp, 
sannt,  agus  spioradan  neo-ghlan  eile  a 
tha  'gam  foluch  fhein  ann  am  frogan  dubha 
dorcha  a'  chridhe.  Cheannaich  Dia  le 
luach  sinn,  fuil  phriseil  a  mhic,  chum, 
gum  bitheamaid  air  ar  saoradh  o  eagal 
agus  0  dhroch  amharus  d'a  thaobh  fhein, 
agus  gu'n  deanamaid  seirbhis  dha  ann  an 
naomhachd  agus  ann  am  fireantachd  uile 
Idithean  ar  beatha.  Bhiodh  e  neo-nddurra 
dhuinn,  7na  ta,  an  deidh  na  rinn  Dia  air 
ar  son,  na'n  tionndamaid  air  falbh  uaith 
gu  neo-thaingeil,  a  chionn  gu  bheil  eagal 
dhaoine  oirnn,  no  gaol  againn  air  comh- 
fhurtachd  yia  feola,  agus  mar  sin  'gar 
deanamJi  fein  'nar  liaUlcan  dhaibh-sun 
o'n  do  shaor  Dia,  sinn.  Tha  duals  whdr 
agus  so7ias  -mor  'n  aii  anam,  fhein  aig 
daoine  a,  tha  taingeil  do  Dhia  agus  a  bhios 
a'  moladh  ainm  Ghriosd,  an  duals  so 
agus  an  sonas  so,  gu  bheil  iad  air  an  saoradh 
o  dhroch  smuaintean  agus  nach  'eil  iad 
air  an  seideadh  suas  le'n  gloir  fhein. 
Ainm  uasal  Ghriosd,  siu  biadh  agus  ceol 
an  anma." 

Cha  bhiodh  dad  air  a  cliall  gcd,  a,  loigeadh. 
an  eaghiis  le  daoine  eile  naliach  an  tighe 
thalmhaidh  agus  a'  bhidli  a.  theirgeas  a 
ghabhail  orra  fhein,  oir  tha  anihariis  aig 
jnoran  gnr  e  an  usaid  agus  an  uislinn  a  tha 
oirnn  a'  ciobaireachd  dhaoine  eile  agus  a 
ehiu'  an  t-saoghail  ceart  a  tha  'gar  cur 
fhein  cearr.  Chan  'eil  doigh  as  fhearr  air  a' 
t^heann  niu  dheireadh,  air  gradh  is  braith- 
reachiis  a  noclxdadh  do  dhuine  eile  na  shiubhal 
a  leigeil  leis. 

Ciod  e  sin  dhuit-sa?    Lean  thusa  mise 

Tha  cuimhne  agam  an  uair  a  bha  mi 
'n  am  bhalach  anns  an  sgoil,  gu'm  bithinn 
a'  sgriobhadh  ainmean  dhaoine  as  a'  BhiobuU 
anns  an  leabhar-sgriobhaidh  a  bha  agam, 
a'  cur  nan  daoine  maith  air  aon  duilleig  'n 
an     sreath,     agus     na    droch    dhaoine    air 


duilleig  eile,  mar  a  bha  mi  an  diiil  a  bniodh 
iad  air  an  cur  aig  la  a'  bhreitheanais. 

Cha  bhithinn  cho  cinnteach  an  diugh 
gu'n  robh  mi  'gan  cur  sios  air  an  duilleig 
cheart,  ach  anns  na  laithean  ixd  bha  e 
furasda  gu.  leor  dealachadh  a  chur  eadar 
an  da  dhath,  dubh  agus  geal,  oir  cha  robh 
dath  eile  ann.  'S  ann  mar  a  thoisicheas  do 
shixil  air  bdhar  is  glas  is  grisionn  fhaicinn  a 
thoisicheas  tu  air  a  bhi  air  do  phianadh  le 
piantan  ifrinn,  sgogaireachd  is  iom-chomh- 
airle  is  inntinn  dhtibailte  is  teagam.h,  agus 
gach  puinnsean  eile  a  tha  'gar  deanarah 
mairnealach  agus  neo-sheasmhach  'n  ar 
n-uile  shlighean. 

Cha  robh  teagamh  air  bith  mu  Abraham 
ged  a  dh'  innis  e  uair-eigin  sgiolmag  bhreige, 
no  mu  Isaac,  is  lacob,  is  Sam.uel  ;  Eliah 
agus  Daniel  agus  na  faidhean  agus  na  h- 
abstoil  uile  ach  a  mhain  ludas  ;  agus  cha 
mho  a  bha  teagamh  agam  gur  ann  air  an 
duUleig  eile  a  bu  choir  dhomh  Adhamh 
agus  Eubh  a  chur,  Ham  agus  lesebel  agus 
Gehazi,  Absalom  agus  Ahab,  Herod  agus 
Pilat  agus  Caiaphas.  Ach  bha  feadhaitni 
eile  nach  robh  cho  furasda  a  chur  'n  an 
aite,    gu    sonraichte    Solam.h. 

Cha  robh  anns  an  obair  ud  ach  goraiclxc 
bhalach  anns  nach  robh  feum  a  b'  fhearr 
na  gu'n  robh  e  a'  deanamh  latha  fada  anns 
an  sgoil  na  bu  ghiorra  agus  na  bu  lugha 
sgiths,  agus  "gam  cliunmil  a  cron  a  bu 
luhiosa,  ach  chaidh  ^!'tad  a  chur  aii-  an  obaii' 
an  uair  a  Jeig  mi  fhaicinn  an  leabhar  sgriobh- 
aidh  d'  am  mhathair  agus  an  d'  fhaighnicdi 
mi  dhith  c6  an  duilleag  air  am  bu  choir 
dhomh  ainm  Sholaimh  a  chur  sios.  Bha  i 
cho  fada  'na  tosd  's  gu'n  d'  fhaighnich  mi  a 
rithist  an  e  duine  maith  a  bha  ann  an  Solamh, 
agus  an  ann  do  neamh  a  chaidh  e  an  deidh 
a  bha's.  ""  Sin  nid  a  chiim  Dia  dha  fhein," 
thuirt  i  riuni,  ""  agus  ris  nach  'eil  gnothuch 
agadsa.  \S  c  thuirt  (■riosd,  '  Gu  de  sin  dhuit- 
sa  ?     Lean  thusa  mise'."' 

Cha  do  throid  i  rium,  agus  cha  mho 
a  dh'  iarr  i  orm  stad  tl'  am  chleasachd 
mhiomhail,  ach  o'  n  doigh  anns  an  do  sheall 
i  orm  chunnaic  mi  anns  a'  mhionaid  nach. 
bu  toigh  leatha  m'  obair,  agus  stad  m.i  dhith, 
agus  shrac  mi  na  duilleagan  ud  as  an  leabhar. 

Nathraichean    agus    Calumain 

An  uair  a  bha  Criosd  a'  cur  a  mach  a 
dheisciobul  thubhairt  e  riu,  "  Bithibh  glic 
mar  na  nathraiche  agus  neo-chronail  mar  na 
calumain." 

Tha  fhios  againn  gu  robh  sean-fhacal 
am  measg  nan  ludhach  mu  gliocas  na 
nathrach  agus  sean-fhacal  eile  m.u  neo- 
lochdas  a'  chalumain,  agus  tha  fhios  againn 


AIG  AN  UINNEIG 


iiach  do  rinn  Criosd  ach  na  facail  uisneachadh 
a  chionn  gu'n  robh  na  deisiobuil  eolach  orra 
agus  gu'n  tuigeadh  iad  iad.  Ach  car  son  a 
bha  na  h-Iudhaich  a'  cunntas  na  nathrach 
glic  agus  a'  cunntas  a'  chalumain  neo- 
chronail  ?  Chan  urrainn  mi  a  radh  ;  shiubhail 
mi  iomadh  leabhar  a  dh'  fheuchainn  am 
faighinn  a  mach  ciamar  a  rinneadh  na  sean- 
fhacail  ud  an  toiseach,  ach  dh'  fhairtlich  e 
orm. 

Anns  an  diithaich  so  co-dhiu  tha  an  calum- 
an  'n  a  chreutair  cronail.  Anns  an  fhoghar 
tha  iad  a'  deanamh  cron  agus  dolaidh  a 
chuireadh  uamhas  air  Maurice  Webb.  Anns 
na  sgrobain  aig  da  choluman  a  blia  air  am 
marbhadh  bha  496  grainne  sil  ami  an 
sgroban  fir  dhiubh,  agus  510  ann  an  sgroban 
an  fhir  eile  ;  corr  is  mile  grainne  sil  uile 
gu  leir.  Abair  gu  robh  ceud  columan  air 
an    achadh    fad    seachduinn,    agus    tuigidh 


tu  an  cron  a  dheanadh  iad.  Ach  theagam.h 
nach  e  so  an  t-eun  a  tha  air  ainmeachadh 
anns  an  Tiomnadh  Nuadli; 

A  thaobh  na  nathrach,  bha  daoine  eile  anns 
an  t-seann  t-saoghal,  a  thuilleadh  air  na  h- 
ludhaich,  de'n  bheachd  gu  robh  gliocas  aice 
nach  robh  aig  creutairean  eUe.  Ach  car  son 
a  fhuaxr  i  an  t-ainm  ?  Tha  am  fear  a  sgriobh 
Genesis  ag  radh  gu  bheil  i  na's  seolta  na  aon 
eile  de  bheathaichean  na  m.achrach ,  ach  chan 
'eil  m.6ran  dhaoine  a  dh'  aontaicheadh  ris 
anns  a'  bheachd  sin.  Tha  barrachd  seoltachd 
ann  an  aon  seana  radan  na  tha  ann  an  seachd 
nathraichean  ged  chuireadh  iad  an  cinn  r'a 
cheile.  Ach  tha  miighadh  m.6r  eadar  seoltachd 
agus  gliocas.  Tha  an  t-seoltachd  o  shios, 
agus  an  gliocas  o  shuas.  Mar  is  lugha  bhios 
ann  an  deisciobuil  Chriosd  de  ghne  no  de 
dhoighean  na  nathrach  is  ann  is  mo  a  dheal- 
raicheas  an  solus  anns  an  t-saoghal. 


Laoidhean 


Ead.  le  Niall  MacNeill 


LAOIDH  V. 


LAOIDH  VI. 


"  Agus  ghlaodh  iad,  gach  aon  r'  a  cheile, 
agus  thubhairt  iad,  Is  naomh,  naomh  Tighearn 
nan  sluagh  ;  tha  an  talamh  2iile  Ian  d'  a 
ghldir." 

Shuas  an  gloir  mu  Dhia  gu  tairis 

Cherubin  is  seraphin 
Lion  a  theampuU  agus  dh'  aithris 
lad  d'  a  cheile  moladh  binn  : 

"  Tha  do  ghloir  a  neamh  a'  labhairt  ; 
Bheir  an  talamh  cliii  d'  a  Thriath  ; 
Dhuit-sa  gloir  bidh  air  a  tabhairt  ; 
Naomha,  naomha,  naomh  tha  Dia." 

Neamh  tha  fuaimneach  le  guth  caomha 

Biodh  air  talamh  aoibh  gu  beachd  ; 
Cluinnear  "  naomha,  naomha,  naomha, 
Triath  is  airde,  Triath  nam  feachd ! 
Tha  do  ghloir  a  neamh  a'  labhairt  ; 

Bheir  an  talamh  cliu  d'  a  Thriath  ; 
Dhuit-sa  gloir  bidh  aii-  a  tabhairt  : 
Naomha,  naomha,  naomh  tha  Dia." 

Leis  na  h-ainglean  shuas  gu  h-eolmhor, 

Leis  an  eaglais  naomh  a  bhos, 
Aoraidh  sinn  mar  aon  gu  ceolmhor, 
'S  bidh  ar  seis  mar  so  gun  chlos  : 

"  Tha  do  ghloir  a  neamh  a'  labhairt  ; 
Bheir  an  talamh  cliu  d'  a  Thriath  ; 
Dlnut-sa  gloir  bidh  air  a  tabhairt  : 
Naomha,  naomha,  naomh  tha  Dia.', 


"75  tusa,  is  tusa  a'  d'  aonar  an  Tighearn  .  .  . 
tha  sldigh  nan  neamh  a'  deanamh  aoraidh 
dhuit.'' 

Bheir  sinn  aoradh  Dhuit,  a  Dhe  ; 

Do  d'  chumhachd  righ  troimh  'n  chruinne- 

che  ; 
'Nad  lath'ir  gach  cinneach  cromaidh  sios, 
Do  ainm  lehobhah  tabhairt  cis. 

Do  d'  ainmsa  halleluia  binn 
Bidh  ainglean  ard  a  ghnath  a'  seinn  ; 
Is  cumhachdan  nan  neamh  gu  f  ior 
Bheir  Dhuit-sa  cliii  is  moladh  sior. 

O  Thighearn  naomha,  naomha,  naomh, 
A  Dhe  nam  feachd  dh'  am  bheil  Thu  caomh, 
Tha  neamh  is  talamh  Ian  de  d'  ghloir. 
Is  morachd  soillse  ghnath  'na  d'  choir. 

Bidh  abstoil  anns  a'  chuideachd  threun 
A  thig  le  buaidh  a  tiribh  cein  ; 
Faidhean  is  marturaich  le  cheil' 
Air  cliu  lehobhah  tabhairt  sgeil. 

Dhuit-sa,  a  Dhe  is  aird'  biodh  gloir  : 
An  t-Athair  molaidh  sinn  le  treoir. 
Am  Mac  's  an  Spiorad  anns  gach  trath, 
Aon  Diadhachd,  beannuiohte  gu  brath. 


Aireamh  9 


1950 


Sgoilear  agus  Diadhair 


Mar  chuimhneachan  air  obair  Fear-Deas- 
achaidh  na  Fianuis,  an  t-  Urramach  Iain 
Dedrsa  Mac  Neill,  Caladair,  tha  mi  a' 
toirt  am  follais  anns  an  aireamh  so  an  t- 
iomradh  a  rinn  e  air  an  Ollamh  Tomas 
Mac  Lachlainn,  ministear  na  h-eaglais 
Ghaidhlig  an  Diin-Eideann,  a  bha  'n  a' 
Gheann-Suidhe  air  Seanadh  na  h-Eaglaise 
Saoire  an  1876 ;  agus  'n  a  chois  sin,  da  phios 
eile  a  bha  anns  an  Fhianuis  an  1894.  Tha 
mi  'g  am  fagail  ?nar  a  fhuair  mi  iad,  gun  aon 
tide,  no  litir,  no  comma,  atharrachadh. 

An  T-Urramach  Tomas  Mac  Lachainn, 

LL.D. 

"ANN  an  coimhearsnachd  baile  Inbhii'iiis,  air 
cuibhrionii  de  thuathanachas  Chinnmileis, 
lis  an  abrar  Baile-Lachaiiui  rugadh,  an  1729, 
Laehann  MacLachainn.  Bha  Lachaun  se 
bliadlina  deug  a  dh'  aois,  an  ua<r  a  ehnireadh 
Blar  Chidfhodair.  Chnnnaic  e  le  a  dha 
slmil,  am  milleadh  is  am  marbhadh,  a  rinn 
na  saighdairean  Sasunnacli  air  na  iogaraich 
bhochda,  a  bha  a'  sireadli  aitean-falaich  as 
deigh  a'  chath.  Shaoithrich  gras  air  an 
laithean  'oige.  Roghnuich  an  Comunn  air 
son  Craobh-sgaoileadh  Eolais  Criosduidh  e, 
gu  'bhi  'n  a  mhaighstir-sgoil  an  Culdutbel, 
tri  mile  o  Inbbirnis.  Bha  Mr.  Laehann 
MacLachainn  posda  da  uair.  B'  i  a  dhara 
bean,  Iseabal  Forsyth,  a  mbuinntir  Chroidla. 
B'  ann  troimh  Mhr.  Seumas  Caldair,  ininisteir 
Chroidh,  a  chaidh  a  h-iompachadh.  Ach 
b'  e  rogha  teachdaire  a  fir,  an  t-Urr.  Eachann 
Mac  Phail,  Ri-sholuis.  Bha  a  nis  an  aon 
duine  cloinne  r'  a  bhaisteadh.  B'  e  miann 
Lachainn,  Eachann  a  thoirt  mar  ainm  air, 
air  son  ministeir  Ri-sholuis.  Ach  bha 
durachd  Isebail  na  bu  bhuadhaile,  oir 
thiigadh  Seumas  mar  ainm  air  am  mac,  mar 
mheas  air  a  h-athair  spioradail,  ministeir 
Chroidh.  Blaa  teachdaire  eile  d'  an  robh 
mor  speis  aig  a'  charaid  ionmhuinn  so, 
agus  b'  <}  sill,  Dr.  Alastaii-  Friseal,  Chnoc- 
mhoire. 

A  Culduthel  dli'  atharraicheadh  Mr.  I^ach- 
ann  gu  Abriachan,  air  taobh  tuath  Lochnis, 
deich  mile  o  Inbhirnis.    'S  a'  chearn  bhuirb 


so,  bha  e  a  chomhnuidh  am  measg  dhaoine 
garga.  An  so  shaoithrich  e,  mar  mhaighstir- 
sgoil  agus  mar  Cheisteir,  le  mor  dhichioll. 
Rinn  e  treabhadh  domhain.  Chuir  e  por 
neo-thruaillidh  na  Rioghachd.  Bhris  e  na 
foidean,  dh'  fhas  an  siol.  Bhuain  an  Ceisteir 
fadheoidh  sguaban  troma. 

Bl;ia  e  'n  a  dheadh  Bgoileir  Beurla  is 
Gailig,  oir  an  uair  a  bha  a  mhac  Seumas, 
an  Talla  na  Diadhair-eachd  a'  foghlum  air 
son  na  ministreileachd,  sgriobh  'athair  litir 
chomhairleachaidh  Bheurla  d'  a  ionnsuidh 
a  tha  ro  chomasach. 

Bhuineadh  Ceisteir  Abriachan  do  'n  bhuid- 
heann  shoisgeulacb ,  a  bha  cruaidh  an  aghaidh 
Patronachd  is  Erastianachd.  Tha  so  air 
fhaicinn  gu  soilleir  o  a  Laoidhean  Gailig, 
a  chlo-bhualadh  an  Inbhirnis,  an  1851, 
ann  an  Leabhar,  ''  Baird  na  Gaidhealtachd 
luu  'I'liuatli,"  a  chruinnich  agus  a  dheasaich, 
an  deadh  eatlar-theaiigair  Gailig,  nach  maif- 
ea,iui,  Mr.  lain  Rose. 

Bha  'n  t-Urr,  Seumas  MacLachainn,  mac 
bard  soisgeulach  Abriachain,  re  iomadh 
bliadhna  'n  a  theachdaii'e  measail,  am  Moidh, 
an  Cleir  Inbhirnis.  Phos  e  Catriona  Friseal, 
nighean  Mhr.  Tomas  Friseal,  Dhalcata.g. 
B'  e  brathair  a  h-athar,  Mr.  Simon  Friseal, 
Tharraline,  Siorram  Inbhirnis.  Mu  'n  d' 
thainig  Mr.  Seumas  MacLachainn  do  Mhoidh, 
bha  e  'n  a  mhinisteir  na  h-Eaglais  Ghailig 
an  Duneideann.  Dh'  foghlum  dithis  d'  a 
mhic  a  bhi  'n  am  ministeirean,  Simon  a 
rugadh  am  Moidh  an  September  4,  1808, 
agus  a  bha  o  1837  gu  1881,  'n  a  mhinisteir 
ro  chliiiiteach  an  Caladair  (Cawdor),  an 
Cleir  Inbhir-naruinn  ;  agus  Tomas,  a  rugadh, 
mar  an  ceudna,  am  Moidh  an  lanuairidh 
29,  1816,  agus  a  bha  air  ttis  'n  a  cho-aodhaire 
le  a  athair,  am  Moidh.  Air  do  chriochan 
Chaladair  is  Mhoidh,  a  bhi  ruith  laimh  r' 
a  cheile  anns  na  Strianaibh  aig  Amhainn 
Eire,  bha  mar  so,  an  da  bhrathair  'n  an 
luchd-faire  spioradail  air  sluagh  lionmhor, 
an  cearn  iomraiteach  mu  'n  cuairt  air  da 
fhichead  mile  a  dh'  astar  an  fad.  B'  ann 
o  an  athair  a  fhuair  Simon  is  Tomas  am 
foghlum  ctiramach,  cothromach  a  dh'  ullaich 
iad  air  son  an  Oilthigh. 


SGOILEAR   AGUS   DIADHAIR 


Cha  robli  Tomas  ach  tri  bliadhna  deug 
a  dh'  aois,  an  uair  a  chaidh  e  do  Oilthigh 
Abereadhain,  an  1829.  An  1833,  choisinn 
Mr.  Tomas  MacLacbainn  an  onair,  M.A. 
Gu  bhi  fo  'n  Oilfhear  dhiadhaidh,  Dr. 
Chalmers,  fbritheil  e  Talla  na  Diadhaireachd 
an  Duneideann.  Air  dba  'ionnsachadh  a 
chriochnachadh,  fhuair  e  cead  searmonach- 
aidh  o  Cbleir  Inbiiirnis,  an  1837.  A.ir  do 
'n  Urr.  Tomas  MacLacbainn,  a  bhi  fad 
se  miosan,  'n  a  fear-cuideachaidb  le  nnnisteir 
sgireachd  Dheimhidh,  shuidhich  Cleir  Inbh- 
irnis  e  an  dreuchd  na  co-aodhaireachd  comhla 
r'  a  athair,  am  Moidh,  an  April  1838.  B'  e 
Mr.  Tomas,  Beniamin  an  teaghlaich.  Thug 
a  theagasg  soisgeulach  riarachadh  mor  do 
shluagh  na  sgireachd.  Bha  a  chluas  is  a 
chridhe  fosgailte  do-  na  firinnean  cudth- 
romach,  a  bha  air  an  laimhseacbadh  an 
Eaglais  na  h-Alba  comh-cheangailte  ri  onair 
Crun  Chriosd. 

Am  Mai  1843,  an  latha  a  choinnich  an 
t-Ard-Sheanadh,  shearmonaich  Dr.  Welsh, 
an  Ceannsuidhe,  searmoin  dhriiidhteach  's 
an  Eaglais  Arrd.  Cha  do  chuir  a'  bhuidheam 
Mhoderate  de  dhragh  orra  fein  na  chaidh 
g'  a  eisdeachd.  "  Bu  mhi  a'  cheud  fhear," 
arsa  Mr.  MacLachaiim,  "  a  chaidh  a  dh' 
eisdeachd  Dhr.  Welsh  gu  Eaglais  Aindrea, 
far  an  do  choinnich  an  t-Ard-Sheanadh. 
Bha  Dr.  Cook  agus  a  luchd-leanmhuinn, 
aireamh  threiseil,  'n  an  suidhe  comhla. 
Shuidh  mise  laimh  ri  Dr.  Iain  Smyth, 
Ghlaschu.  Bha  'n  Tigh  a'  lionadh  gu  hiath. 
Bha  sinn  a'  feitheamh  Marcus  Bhoid, 
Fear-ionaid  na  Ban-righ,  agus  a'  Chinn- 
shuidhe.  Dr.  Welsh.  Thionndaidh  mi  ri 
Dr.  Smyth,  bha  a  shiiUean  Ian,  agus  b'  e 
na  thuirt  e,  '  Tha  so  tuiUeadh  as  a  choir.'  " 

Mar  fhear-comuinn  is  mar  chompanach 
do  'n  dream  air  an  robh  eagal  an  Tighearna, 
dh'  fhag  Mr.  Tomas  MacLacbainn  seann 
Sion  na  Daorsa,  agus  rainig  e  Talla  Thanfield, 
far  an  d'  thainig  e  gu  'bhi  'n  a  bhall  do  Ard- 
Sheanadh  Eaglais  Shaor  na  h-Alba.  Thill 
e  dhachaidh.  Dh'  fhag  e  cunntas  air,  gu 
'm  b'  i  an  smuain  a  bu  chraitiche  a  chaidh 
troimh  a  inntinn,  an  uair  a  leum  e  mach  a 
carbad  nan  litrichean,  agus  a  choisich  e 
sios  gus  a'  mhanse,  gu  'n  robh  a  nis  an 
ceangal  dliith  a  bha  eadar  e  fein  is  an  t-ionad 
's  an  do  rugadh,  agus  anns  an  do  thogadh  e, 
agus  a  rinn  e  maiseach  le  a  lamhan  fein, 
gu  bhi  a  so  suas  tuiUeadh  briste. 

Mar  m.hinisteii'  na  h-Eaglais  Shaoir,  shear- 
monaich e  a'  cheud  sermoin  air  la  na  Sabaid, 
lune  4,  an  Coille  Bhailintrain,  am  meadhon 
na  sgireachd.  B'.e  a  cheann-teagasg,  Salm 
Ixxxiii.  4.  Cha  robh  duine  a  b'  fhiach  's 
an  sgireachd  nach  do  lean  e. 


An  1844,  thug  coimhthional  Strath- 
eirigeag,  aig  taobh  Lochnis,  gairm  do  Mhr. 
MacLacbainn.  Ghabh  e  ris  a'  ghairm  so. 
Mar  mhinister  agus  mar  Chlerreach  na 
Cleir,  lean  beannachadh  mor  a  shaothair 
anns  gach  dleasanas  ris  an  do  chuir  e  a  lamb . 

Aig  an  am  so,  chuir  an  Eaglais  e  mar 
theachdaire  do  Chanada,  a  shearmonachadh 
an  t-soisgeU  d'  ar  braithrean  Gaidhealach 
's  an  tir  thaitnich  ud.  Fhuair  e  cothrom 
gu  Coir  is  Tagradh  ar  n-Eaglais  a  mhineach- 
adh  do  mhuinntir  Chanada.  Bha  an  turns 
soirbheachail  so  'na  theagasg  d'  a  fein,  is  do 
fheadhainn  eile. 

An  1849,  shuidhicheadh  Dr.  MacLacbainn 
'n  a  mhinister  na  h-Eaglais  Ghailig  an 
Duneideann.  Air  dha  a  bhi  car  iiine,  'n  a 
cho-oibriche  maille  ri  Dr.  Candlish,  ann  a 
bhi  a'  riaghladh  ctiisean  na  Gaidhealtachd 
is  nan  Eileanan,  an  1854,  rinneadh  e  'n  a 
Cheann-suidhe  a'  Chomuinn  Ghaidhealaich. 
'S  an  dreuchd  chudthromaich  so,  shaoithrich 
e  le  fior  dhiirachd,  is  le  mor  chomas,  fad 
ochd  bliadhna  fichead.  Do  'n  obair  so,  thug 
Dr.  Mac  Lachainn  a  chom.asan  cinn  is 
cridhe.  Comh-cheangailte  ri  coimhthionalan 
tira  a  chuir  air  bonn,  is  ri  Sgoilean  nam 
Mnathan-uaisle  feadh  na  Gaidhealtachd  is 
nan  Eileanan,  b'  e  Dr.  Mac  Lachainn,  fad 
corr  as  Leth-Iubile  na  h-Eaglais  Shaoir, 
araon  ceann  agus  casan  a'  Chomuinn  Ghaidh- 
ealaich. Do  ghillean  oga  Gaidhealach,  a 
bha  stri  ri  foghbim  air  son  na  ministreileachd, 
bha  e  a  ghnath  'n  a  athair  gradhach,  is  'na 
chomhauliche  cinnteach . 

Comh-cheangailte  ri  obau-  ehudthromach 
a'  Chomuinn  Ghaidhealaich,  chuir  e  air  a 
chois  an  lanuairaidh  1875,  "  lomradh  Gailig 
Raidheil  "  ar  n-Eaglais,  a  dheasaich  e  fein 
gu  ciiramach  gu  am.  a  bhais.  Tha  'nis 
faisge  air  coig  mile  (5000)  aireamh  de  'n 
lomradh  Ghailig  so,  ris  an  canar  a  nis  an 
Fhianuis,  air  a  chur  a  mach  uair  's  an  raidhe. 

Bha  Dr.  MacLacbainn  'n  a  Ghaidheil 
fiiighail,  fearail,  foghluimte,  agus  'n  a  shaoith- 
riche  ro  ghniomhach,  oir  re  tuUleadh  as 
deich  bliadhna  fichead,  fhritheU  e  le  sar 
riarachadh  do  choimhthional  mor,  am  baile 
greadhnach  Dhuneideann.  A  bharr  air  a 
bhi  'na  bhall  measail  de  Chomuinn  eile  an 
Ard-Sheanaidh,  b'  e  fad  iomadh  bliadhna, 
Fear-cathrach  Comunn  na  Seinn.  Tha  e 
'na  mhor  ioghnadh,  gu  'n  d'  fhuair  an 
teachdaire  saoithreachail  so  uine  air  a 
leithid  de  leabhraicbean  ionnsuichte  a  sgriobh 
adh! 

B'  ann  an  1864,  a  thug  Oilthigh  Abereadh- 
ainn  dha  an  onair  LL.D.  Cha  robh  mac  aice 
a  thoil  an  onair  so  na  b'  fhearr  na  Dr.  Tomas 
Mac  Lachainn. 


SGOILEAR   AGUS   DIADHAIR 


An  1876,  chuir  an  Eaglais  a  h-ard  urram 
air,  an  uair  a  rinn  i  e  'na  Cheann-suidhe  an 
Ard-Sheanaidh.  Air  dhuinn  fein  a  bhi  'n 
ar  ball  de  'n  Ard-Sheanadh  so,  bha  sinn 
mor  a  Gaidheal  direacb ,  a  bhroillieh  leathain 
agus  na  suil  bhlath,  a  bha  'na  eideadh 
flathail  a'  lionadh  na  Catlirach.  Oir  bha 
fios  maith  againn,  gu  "m  bu  toigh  le  Dr. 
Mac  Lachainn  ar  duthaich,  ar  cinneach, 
agus  ar  canain. 

Troimh  nahi-chliu  agus  troim.h  dheadh 
chliu  bha  Dr.  MacLachainn,  an  comhnuidh, 
diLeas  do  chliii,  do  choir,  do  stri,  is  do  each- 
draidla  Eaglais  Shaor  na  h-Alba.  B'  e,  ann 
am  fior  sheadh  an  fhacail,  "  Caraid  nan 
Gaidheal."  Bha  'chridhe  Ian  graidh  dhoibh. 
Bha ''chuimhne  ro  laidir,  Ian  eolais  timcbioll 
orra. 

An  deireadh  a  latha,  air  d'  a  shlainte 
bristeadh,  bha  'n  a  fhear-cuideachaidh  le 
Dr.  MacLachainn  ann  an  gnothuichean  a' 
Chomuinn  Ghaidhealaich,  an  t-Urr.  Alastair 
Lee,  M.A.,  Inbhir-naruinn,  am  ministeir 
a's  eolaiche  air  an  raon  Ghaidhealach,  is  an 
Eaglais  Shaoir,  agus  a  tha  an  drast,  comhla 
ri  Dr.  Rainy  'n  a  Cho-Cheann-suidhe  a' 
Chomunn  Ghaidealaich. 

Mar  chomhara  air  a'  mheas  araid  a  bha 
aig  cairdean  air  Dr.  Tomas  MacLachainn, 
thug  iad  dha,  an  1875,  a  dhealbh  fein  air  a 
tharruinn  gu  finealta  grinn,  le  Mr.  Tor  maid 
MacBeth .  Mar  chuimhneachan  air  a  shaothair 
do-innsidh  com.h-cheangailte  ri  maith  spiora- 
dail,  agus  ri  leas  aimsireil  sluagh  na  Gaidh- 
ealtachd  agus  nan  Eileanan,  thugadh  dha 
an  1883,  comhla  ri  gibhtean  luachmhor  eile, 
tiodhlac  (£1850)  airgid.  B'  ann  aig  an  am 
so,  a  labhair  e  na  briathran  comharaichte  so 
m.u  mhinistreileachd  na  reite,  "Is  e  mo 
run  a  bhi  beo  agus  am  bas  fhaighinn,  am 
mhinisteir  aig  Criosd."  Cosmhuil  ri  Pol, 
dh'  ardaich  e  a  dhreuchd. 

Mar  shearmonaiche  Gailig  is  Beurla,  bha 
Dr.  MacLachainn  buannachdail,  taitneach, 
do  ard  is  do  iosal.  Ann  an  cuideachd,  bha 
e  'n  a  fhior  dhuin'-uasal.  Mar  fhear-riagh- 
laidh  dhaoine  agus  ghnothuichean,  bha  e 
fad-sheallach,  ciallach,  foighidinneach.  Cha 
robh  duine  'n  a  latha  a  rinn  uibhir  air  son 
sgoileireachd  Ghailig  ris.  Aig  a'  cheart 
am  a  bha  na  naimhdean  a'  deanamh  culaidh- 
mhagaidh  de  'n  Ghailig,  agus  a  bha  Deasaich- 
ean  phaipearean-naigheachd  Albannach,  a' 
crathadh  an  cinn  is  a'  casadh  am  beil  rithe, 
bha  Dr.  MacLachainn  ag  ionnsachadh  do 
oileanaich  oga  a  leughadh  gu  blasda,  agus 
a  bruidhinn  gu  sgiobalta.  Rinn  e  sgrudadh 
geur-chuiseach  mu  na  Gaidheil  agus  mu 
an  Eachdraidh,  mu  'n  robh  sgoileireachd 
Ghailig  cho  fasanda,  agus  a  tha  i  an  diugh. 


Cha  robh  sgoileir  Gailig  an  Albainn,  'n  a 
latha  fein,  a  lionadh  Cathair  Gailig  an 
aon  d'  ar  n-Oilthighean  na  bu  fhreagarraiche 
na  Dr.  MacLachainn.  'S  an  raon  Ghailig, 
rinn  moran  aithlis  air.  Ach  cha  robh  'n 
an  sgoileireachd  Ghailig,  ach  aithris-bheulan 
air  ail  deadh  sgoileir  so. 

Mar  ughdar,  mar  eadar-theangau'  agus 
mar  dheasaiche,  feudar  a  chur  an  ceill, 
gu  'n  d'  thainig'na  h-oibrean  a  leanas  o  a 
pheann  uiseil : — ■ 

1.  "  Na  Ministeirean  is  na  Daoine  's  an 
Taobh  Tuath  "  'san  Witness,  an  1^52. 
2.  "  An  t-slighe  gu  Dia,"  an  1853.  3.  "  Ceith- 
eir    Oraidean    air    Litrichas    Gailig."  4. 

"  Sgeul,"  an  Leabhar  Sgeulachdan  Iain 
oig  He,  an  1859.  5.  "  Am  Biobull  Gailig," 
an  1863,  co-dheasaichte  le  Dr.  MacLachainn 
is  le  Dr.  Clerk.  6.  "  Eachdraidh  na  h-Eaglais 
Albannaich  o  100  gu  1200,"  an  1865.  7. 
Paipeirean  anns  an  leabhar  ris  an  canar  's  a' 
Bheurla  (British  and  Foreign  Evangelical 
Review)  's  na  bliadhnachan  1866,  1870, 
1874.  8.  "  Bardachd "  fo  'n  litir  X,  an 
Leabhar  na  Eeinne,  le  Iain  6g,  He.  9. 
"  Cunntxis  air  Litreachas  Ghailig,"  an  Obair 
Fullarton  air  Eachdraidh  nam  Fineachan 
Gaidhealach,  an  1872.  10.  "  Leabhar- 
iirnuigh  Iain  Carswell,  Easbuig  nan  Eileanan, 
air  a  dheasachdh  le  Dr.  MacLachainn,  an 
1873.  11.  "  Treas  Clo-bhualadh  Grammar 
Gailig  Dhr.  Stiiibhart,"  le  Romh-radh,  le 
Dr.  MacLachainn,  an  1873.  12.  "  Oisean 
Mhic-a-Phearsain."  13.  "  Leabhar  lamh- 
sgriobhta  Mhic  Griogair,  Dean  Lism.6ir," 
air  atharrachadh  o  sheann  Ghailig  gu  'r 
Gailig  fein,  agus  air  eadar-theangachadJi  gu 
Beurla,  le  Dr.  MacLachainn.  Bha  an  Leabhair 
so,  air  a  sgriobhadh  an  1512-26.  Mar  cho- 
dheasaiche  comhla  ri  Dr.  MacLachainn  bha 
Dr.  W.  F.  Skene.  14.  Comhnadh  le  Sir 
Uilleam  Gibson  Craig,  ann  a  bhi  a'  cur  a 
m.ach  "  Leabhraichean  lamJi-sgriobhta  na 
h-Alba."  15.  "  Am  Fear-tathaich  Miosail," 
eadar-theangaichte  gu  Gailig.  16.  Paip- 
eirean gus  na  paipeirean-naigheachd,  an 
Courier,  agus  an  "  t- Ard -Albannach,"  an 
Inbhirnjs  ;  gus  an  Family  Treasury,  agus 
an  Revue  Celtique.  17.  "Litreachas  Gailig,  's 
an  Encyclopoedia  Britannica.  18.  lomraidh 
Bhliadhnail  a'  Chomuinn  Ghaidhealaich  air 
son  an  Ard-Sheanaidh  o  1854  gu  1882. 
19.  Searmoin  's  an  Leabhar  ris  an  abrar  a' 
Phulpait  Albannach,"  an  1883. 

Mhol  an  diadhair  foghluimte.  Dr.  J.  H. 
Ebrard,  Erlangein  's  a'  Ghearmailt,  gu 
mor,  Eachdraidh  na  h-Eaglais  Albannaich," 
le  Dr.  MacLachainn.  Nan  robh  uine  aig 
Dr.  MacLachainn  ah'  an  Leabhar  Each- 
draidh so,  ath -sgriobhadh  is  ath-cheartachadh 


SGOILEAR    AGUS    DIADHAIR 


bhitheadli  e  nioran  na  \m  taitniche  do  'ii 
leughadair  Bheurla.  B'  e  Dr.  Tomas  Mac 
Lachainn,  Dara  Calum-cille  na  h-Alba. 
Thogadh,  an  lona,  Eaglais  Chalura-cille 
mar  chuirnhneachan  air. 

Mar  a  chaidh  an  saoithriche  gniomliach  so 
dhachaidh  g'  a  fliois  shuthainn,  rlli'  fhag  e 


'iia  dheigh  bantrach,  seisear  niliac,  agns 
dithis  nighean.  Tha  fear  de  na  mic,  Seumas 
'n  a  sgriobhaiche,  an  Duneideann ;  tha 
fear  eile  dhiubh,  Tomas  'n  a  Lighiche  an 
Sasnnn  ;  agus  air  Uisdean,  fear  eile  dinbh, 
thuit  fallainn  bhardachd  a  shinn-seanar, 
agus  peann  litreachais  atliar." 


An  t-urramach  Donnachadh  Mac  Gilleadhain 


A  Laoidhean  agus  a  Dhain 


Leis  an  Eileanach 


"CHA  'n  'eil  teagamh  nach  'eil  moran  am 
measg  luchd-leughaidh  na  Fianuis  a  bha 
eolach  air  a'  mhinistear  ainmeil  so.  Rugadh 
e  ann  an  Cill-Fhinn,  taobh  Loch-tatha, 
's  a'  bhliadhna  1796,  agus  chaochail  e  ann  an 
Gleann-Urchaidh  's  a'  bhliadhna  1871. 
Thoisich  e  a  mhinistrealachd  ann  am  Beinn- 
na-faoghail  (Benbecula)  agus  'na  dheigh 
sin  bha  e  anns  an  t-Sailean  Mhuile^ch,  'an 
Cill-a-Bhreanain  agus  an  sgireachd  Ghlinn- 
Ur chaidh.  Bha  e  fo  mhor  mheas  mar  dhuine 
's  mar  mhinistear,  oir  bha  e  duineil  'na 
dhoigh  's  'na  ghiiilan  agus  dileas  deas- 
chainnteach  'na  dhol  a  mach  's  a  stigh  am 
measg  an  t-sluaigh.  Mar  shearmonaiche 
Gailig  cha  robh  iad  ach  tearc  a  thigeadh 
teann  air,  oir  bha  e  Ian  Gailig  agus  bha  aige, 
a  bharrachd  air  a  so,  aigne  agus  mac- 
meanmna  an  fhior  bhaird  cho  math  ri 
meomhair  a  bha  comharraichte.  Mar  dhearbh- 
adh  air  cho  math  's  a  bha  a  chuimhne  tha 
e  air  innseadh  gu  'n  deachaidh  e  fein  agus 
Gaidheal  ceanalta  eile  a  dhireadh  Bheinn 
Dorain,  a  mhol  Donnachadh  Ban  cho 
eireachdail.  A'  direadh  na  Beinne  so  dh' 
aithris  am  ministear  a  h-uile  facal  de  "  Mhol- 
adh  Bheinn  Dorain,"  anns  a'  bheil  coig  ciad 
sreath,  agus  air  an  rathad  dhachaidJi  dh' 
aithris  e  gach  rann  an  laoidh  "  Latha 
'Bhreitheanais,"  Tha  anns  an  laoidh  ainmeil 
so  a  sgriobh  Diighall  Buchanan  corr  agus 
sea  fichead  rann  no  barrachd  air  coig  ciad 
sreath.  Cha  'n  'eil  teagamh  nach  do  ghabh 
e  moran  tlachd  ann  an  obair  nam  bard  's 
nan  laoidheadairean,  oir  bha  gu  cinnteach 
co-fhaireachdain  'inntinn  leis  a'  cheolraidh 
agus  dh'  fhaodadh  esan  a  radh  mar  thuirt 
am  Filidh  Muileach  nach  maireann — 

"  A  cheolraidh  uasal,  's  trie  a  ghluais 
Mo  bhuadhan  an  tiis  m'  oige, 
Gu  dealbh  nan  rann  fo  sgail  nam  beann; 
0,  thig  's  an  am  gu  m'  chomhnadh." 


Anns  a'  bhliadhna  1868  chuir  Ministeir  na 
h-Eaglaise  Saoire  ann  an  Gleann-Urchaidh 
a  mach  leabhran  beag  taitneach  de  Laoidhean 
agus  de  Dhain,  agus  is  ann  m.ar  bhard  a. 
bu  mhath  leinn  facal  no  dha  a  radh  air  an 
drasda.  Tha  sinn  a  tuigsinn  nach  do  chlo- 
bhuail  e  trian  de  'n  bhardachd  a  sgriobh  e, 
ach  tha  sinn  taingeil  gu  bheil  an  leabhran 
beag  so  fein  air  fhagail  mar  dhileab  luach- 
mhoir  aig  na  Gaidheil.  Tha  anns  an  leabhran 
so  da  laoidh  air  fhichead,  ceithir  laoidhean 
deug  eadar-theangaichte  o'n  Bheurla,  agus 
sea  dain.  Bha  fhios  aige  gle  mhath  gu  'n 
robh  iad  ann  a  bhitheadh  a  faotainn  coire 
dha  air  son  a  bhi  ris  a'  bhardachd,  agus 
tha  e  mar  so  a  leigeil  ris  ann  an  "  Roimh- 
radh  "  an  leabhrain  so,  a  bheachd  fein  mu 
'n  chilis  : — 

"  Tha  sar  fhios  agus  Ian  chinnt  againn 
gu  'n  robh  an  samhuil  so  a'  faghuinn  gniiis 
bho  Dhia  bho  thoiseach  an  t-saoghail ; 
agus  tre  gach  ceum  do  eachdraidh  a  shluaigh  ; 
agus  gu  'm  b'  ann  le  siiil  ri  'm  buannachd  a 
bha  spiorad  na  bardachd  air  a  thiodhlacadh 
bho  am  gu  h-am. 

Tha  e  fior  nach  d'fhoghlumadh  an  fhirinn 
so  le  cuid  dhiubhsan  air  an  do  bhuiHcheadh 
an  tiodhlac  luachmhor,  agus  gu  'n  do  nihi- 
bhuilicheadh  leo  e.  B'e  gun  teagamh  gliocas 
na  muinntir  ud,  an  ait  an  fheum  a  rinn  iad 
dheth,  gu  'n  do  lean  iad  eisimpleir  an  fhii" 
a  fhuair  am  punnd,  a  cheangail  ann  an 
neapaigin  e,  's  a  dh'  adhlaic  's  an  talamh  e  ; 
oir  mur  deanadh  e  maith  no  cron  dhoibh 
fein  cha  mho  dheanadh  e  maith  no  cron 
do  neach  eile  :  ach  ail  air  n-ail,  co  dhiu 
chreideas  sin  e  no  nach  creid,  cha  'n  'eil 
buaidh  no  feart  air  a  bhuileachadh  oirnn  le 
Dia  nach  tigeadh  dhuinn  a  ghnathachadh 
ann  an  rathad  a  bhios  taitneach  'na  shealladh, 
agus  aig  a'  cheart  am  tarbhach  araon  do 
'n  t-sealbhadau'  agus  da  cho-chreutairean 
mar  an  ceudna.    A  nuas  bho  laithean  Mhaois 


AN   T-URRAHACH   DONNACHADH   MAC   GILLEADHAIN 


agns  Mhifiaim,  agns  tha  e  ooltac'li  fada 
roinihe  sin — bho  laitheaii  Dheboraih  agu8 
Bharaic — Hannaih  agus  Shamneil — Dhaibh- 
idh  agus  Sholaimh  nam  mile  dan, — ^seadh, 
o'n  aimsir  chein  ud  gus  an  la  'n  diiigh 
bha  a'  bhuaidh  agus  an  comas  inntinii  s(^ 
air  aui  bujleachadli  lo  Dia  arax^n  air  fir 
agus  air  ninatlxan  fi'abhach,  diadhaidh,  agus 
gn  ro  mhor  air  an  aideachadli  lois  )iiar 
mheadhon  agus  mar  inneal  cliiini  "adbJiar 
agus  a  gliloir  a"  mlxeudachadh.  "sa  cliur  air 
aghaidl)   air  an  talamh. 

Nach  robh  tiodhlac  ua  bardaciitl  "na 
inneal  agus  'na  mheadhon  comhari'aichte 
air  soirbheachadh  a  thoirt  do  obair  mhor 
an  Ath-leasachaidh  anns  gach  cearna  do 
'n  Roinn-Eorpa  1  An  robh  an  tiodhlac 
so  na  suram  suain  chodail  ann  an  uchd  's 
an  cridhe  Lutheir  ?  An  robh  e  balbh,  tosdach 
mar  chlarsaichean  Israeli  'nuair  a  chrochadh 
iad  air  na  geugaibh  seilich  aig  uisgeachan 
coimheach  Bhabiloin  ?  Mar  thobar  fior- 
uisg  fo  thalamh  leis  nach  fionnaraichear 
agus  nach  caisgear  iota  an  fhir-thuruis, — 
no  mar  lann  air  itheadh  le  meirg,  's  nach 
tarruingear  a  'thruaill  le  laimh  an  fhir- 
chogaidh  1  B'  fhada,  ro  fhada  bho  so  a  bha 
'chuis.  B'  6  barail  mhorain  nach  maireann, 
agus  mhorain  a  tha  fhathast  a  lathair — 
daoine  comharraichte  araon  air  son  breith- 
neachadh  soilleir,  fallain,  agus  air  son  an 
diadhachd  mar  an  ceudna,  gu  'n  robh  ard 
bhardachd  a'  ghaisgich  sin,  agus  iomadh 
fear  eile  d'a  luchd-cuideachaidh  anns  an 
obair  mhoir  agus  dheacair  a  thug  an  Tighearna 
dhoibh  r'a  dheanamh,  air  a  h-aideachadh 
's  air  a  beannachadh  ann  an  tomhas  cho 
pailt  'sa  bha  'n  searmoinean  agus  na  leabh- 
raichean  a  chuir  iad  a  mach,  's  a  chraobh- 
sgaoileadh  araon  'n  an  tir  fein  's  an  duth- 
channan  eile. 

****** 

Nach  trie  a  bha  'chridhe  fann  air  a  near- 
tachadh,  agus  a  spiorad  airsnealach  air  a 
bheothachadh  leis  na  sailm  bhlasda  a 
dheachdadh  le  Spiorad  Dhe,  agus  a  shruth 
mar  uisge  beo,  fallainn  bho  chlarsaichean 
Dhaibhidh,  Asaiph,  agus  ledutuin,  a'  fion- 
narachadh  agus  ag  iirachadh  fonii  tioram, 
tartrahor  an  anama  agus  a'  chridhe.  "  Thi- 
gibh,"  arsa  Luther,  'n  uair  a  bha  'chridhe, 
ged  bu  laidir,  gram  ail  e,  an  impis  failneachadh 
anns  a'  chogadh  eagallach  a  bha  e  'cur  ri 
uachdranachdaibh,  ri  cumhachdaidh ,  ri  riagh- 
lairibh  dorchadais  an  t-saoghail  so,  ri 
aingidheachd  spioradail  ann  an  ionadaibh 
arda,  "  agus  seinneamaid  an  seathanih 
Salm  thar  an  da  fhichead."  Agus  O ! 
nach  do-aireamh  a'  chuideachd  a  tha 
'n   diugh   fa   chonihair    na    Righ-chathrach, 


air  an  sgeadachadli  ann  an  trusganaibh 
facia  geala,  agus  pailm-chrannaibh  aca  'n 
an  lamhaibh,  a  neirticheadh  'n  uair  a  tharr 
righ  nan  uamhas  'n  an  coir,  's  an  uair  a 
dh'  fhosgail  gleann  dorcha  sgail  a'  bhais 
mu  'n  coinneamh,  le  briathraibh  an  t- 
Sahuadair  :— 

"  8eadh,  fos  ged  ghluaisinn  eadhon  trid 
Ghlinn  dorcha  sgail  a'  bhais, 
Aon  olc  no  urchuid  a  theachd  orm, 
Ki  h-eagal  learn  's  ni  'n  cas." 

Nach  aidich  na  miltean  do  m'  luch^-diithcha 
gu  'm  bheil  saothair  nam  bard  's  nan  diadh- 
airean  a  dh'  ainmich  mi  mills  d'am  beul 
mar  an  ciribh  meala,  agus  anail  am  bardachd 
cubhraidh  mar  anail  chaoin  na  h-airde- 
deas." 

Anns  a'  cheud  earrainh  de  'n  leabhran 
so  tha  againn  laoidhean  air  iomadh  cuspair, 
mar  tha  "  Lath  a  Nollaig,"  "  Uisge  na 
Beatha,"  "  Am  Bogha-frois,"  "  Am  Biobull," 
"  Ceol,"  "  Latha  'n  Tighearna,"  "  Am  Bas," 
"An  Lunndaire,"  agus  "An  Tuil."  Cha 
'n  'eil  gin  de  na  laoidhean  so  nach  'eil  Ian 
airidh  air  an  leughadh  agus  tha  cuid  dhiu 
a  tha  da-rireadh  eireachdail  'nan  cainnt 
agus  urramach  'nan  aigne.  So  mar  a  tha 
'm  bard  a'  labhairt  mu  'n  "  Bhogha-frois  "— 

A  chusbair  aluinn,  ghrasmhoir,  orbhuidh, 
Urrais  aird  air  slaint  'us  comhnadli, 
Biodh    t-fhiamh   ghaire   ort   an    comh- 

nuidh— 
Seall  an  gradh  orm  ri  uchd  doruinn. 

'N  uair  a  reubas  stoirm  an  t-athar, 
'Cur  nan  diiil  air  mhire-chatha, 
'Luidheas  oidhch'  air  uchd  an  latha, 
Faiceam  soillse  do  ghniiis  fhlathail. 

Cuir  an  ceill  dhomh,  'theacdair'  dhileis, 
Gealladh  aoibhneach  Dhe  na  f  irinn  ; 
Innis  dhomh  am  briathraibh  mine, 
Chaoidh  nach  sgriosar  sinn  le  dile. 

*  *  *  *  H=  * 

'N   uair   bha    mi    'm    leanabh   eatrom, 

gorach, 
'Dearc  le  h-ioghnadh  air  do  bhoichead 
Dh'   innseadh   dhomh,    mar   sgeul   gun 

sgleo  e 
Na    "n   glacainn    thu    gu    'm    meallainn 

storas. 

O   raon   gu   raon    's   trie    chuir   mi    'n 

ruaig  ort, 
'S  an  dochas  bhaoth  gu  'n  d'  thugainn 

buaidh  ort  ; 
Ach    char    'us    mheall    thu    mi   ga    m' 

bhuaireadh. 
Mar  iomad  faileas  faoin  o'n  uair  sin. 


6 


AN   T-URRAMACH   DONNACHADH   MAC   GILLEADHAIN 


Ach  ged  mheal]  tliu  mi  a'm'  bharail, 
'S  nach  do  chvtm  thu  riiim  do  ghealladh, 
Ged  a  chaochail  gloir  do  ghathan, 
'S  ged  a  sgaoil  iad  feadh  an  athair, — 

Dearcam  ort,  's  na  oeileam  nam  e 
'N  Ti  nach  treig  mi  ri  iiehd  cruadail — 
'N  Ti  bheir  slainte  dhomh  'us  solas, 
'S   leis    nach    meallar    'chaoidh    mi    'm 
dhochas. 

"N  uair    bliios  tuiltean    'brueiid  air  m' 

auam, 
'S  tom:^.n  buaireas  a'  del  tharam  ; 
Le  silil  creidimh  riut  'an  comhnuidh, 
los' !   bi  dhomhs'  a'd'  bhogha  dochais. 

So  mar  a  tha   am   Filidh   a'   cuir  an   ceill 
dreach.  agus  ailleachd  an   "  Neoinein  " — 

'8  tn  his  a's  ailt  tha  fas  air  raon, 

Mar  oigh'  gnn  giiaoid  do  chaoin  (^hrntli 

ban  ; 
Gil  narach,  gradhach,  malda,  maoth, 
Dearg-bhileach,     caoin-gheal,     aoidheil, 

tlath. 

Tha   Laoidh   aige   mu   "  Cheol "   a  tha   air 
leth  taitneach  agus  maiseach — • 

CEOL 

'S  binn  caoirean  nan  caochan  'an  aonach  nam 

beann, 
'N  uair  tha  'n  latha  a'  sgaoileadh  air  aodan 

nan  gleann  ; 
'S  binn  osna  na  gaoithe,  's  gur  aobhach  a' 

toirm 
Air  ciiiineach'  do  'n  doinionn,  's  air  cadal  do 

'n  stoirm. 

'S  binn  co'-sheirm  na  coille,  nan  doire,   's 
.  nan  stuchd, 

'S  ro  bhlasda  an  ceol  e  's  an  6g  mhaduinn 
dhriiehd  : 


0 !    's  taitneach  r'a  chhiinntinn  geum  laoigh 

tigh'n  o'n  chro, 
'S  binn  gairich  na  tuinne,  a's  bairich  nam  bo. 

'S  binn  naigheachd  air  caraid  chaidh  fada 

air  chuairt, 
'S  cha  seirbhe  guth  leannain  dh'fhas  banail 

a's  suairc'  ; 
'8    ro    bhlasda    guth    mathar    Ian    blaiths 

agus  gaoil — • 

Mar  cheol  iad,  nach  aluinn,  nach  cairdeil, 

nach  caoin  ? 

Ach  tha  ceol  ann  is  uaisle  'na  bhuadhaibh 

gu  mor, 
'S  tha  fuaim  ann  is  binne,  's  is  grinn'  air 

gach  doigh  ; 
Tha  poncan  is  mils'  ann,  nach  diobair  gu  sior, 
Gach  ceol  'rinn  thu  solasach  'n  ear  no  an  iar. 

Nach    mills    mar   cheol  e,  nach  boidheach, 

nach  binn — • 
Guth   chlag   mhaduinn   Dhomhnuich,   nach 

sonraichte  grinn  ? 
Na  fuinn  ud  ro  aluinn  'tha  failteach'  an  16 
A  bheannaich  an  t-Ard-Righ  gu  slainte  nan 

slogh . 

Nach  binn  a'  chruit-chitiil  ud,  nach  runach 

gach  ial, 
An  cridhe  trom,  bruite  ag  urnuigh  ri  Dia  ? 
Nach  taitneach  mar  cheol  e,  nach  boidheach, 

's  nach  caoin 
Guth    'mholaidh,    a    sholais,    a    dhochas,    a 

ghaoil  ? 

Grinn,  oirdhearc  agus  ard  ann  an  smaoin  's 
mar  a  tha  na  rannan  a  thagh  sinn  cheana 
cha  'n  'eil  iad  ach  suarach  lamh  ris  an  dan 
mhaiseach  a  sgriobh  am  bard  mu  'n  Tuil. 


Teagasg  nan  Aithrichean— An  Creidmheah  Fallain 

Le  Tomas  Sheppard 
"  0  Israel  sgrios  thusa  thu fhein,  achannayn-sa  tha  do  chobhair." — Hos.  xiii.  9. 


(3)  'S  e  crioch  mhor  an  laglia  'n  ar  n-iomain 
a  dh'  iounsuidh  Chriosd  Rom.  x.  4  :  Ma 
's  h-e  Criosda  crich  an  lagha,  a  ris  's  e'n 
lagh  am  meadhon  tha  freagradh  na  criche 
sin,  agus  cha  'n  ann  a  mhain  do  chuid  ach 
do  na  h-uile  'chreideas  :  Nis  ged  a  tha  'n 
lagh  ag  iomain  gu  Criosda  le  diteadh, 
gidheadh,  tha  e  ann  an  ordugh  a'  toiseachadh 
le  bhi  'tou't  ciiis  bhreth  an  aghaidh  a' 
pheacaich.  Tha  e  'n  toiseach  a'  cuir  fiiidh 
bhinn,    agus   mar   sin   a'   toirt   mothachadh 


air  peacadh,  Rom.  iii.  20.  Agus  an  sin  a' 
diteadh  ;  is  amaideas  agus  ana-ceartas 
do  bhreithimh  binn  bais  a  thoirt  air  peacach 
agus  a  thoirt  a  mach  gus  am  bas  fhulang 
ma  's  'eil  a  chasaid  agus  deabhadh  air  an 
curi  an  ceill ;  agus  am  bitheadh  e  'n  a 
ghliocas,  no  'n  a  cheartas  gu  'n  deanadh 
an  Tighearna  no  a  lagh  eadar-dhealaichte  ? 
Agus  uime  sin  tha  'n  Spiorad,  'n  uair  tha 
e  deanamh  feum  de  'n  lagh  chum  na  criche 
so,   an  toiseach  a'   dearbhadh,   mar  a  ta  e 


TEAGASG   NAN   AITHRICHEAN— AN   CREIDMHEACH  FALLAIN 


air  tus  a'  diteadh,  agus  a'  cuir  ar  peacaidhean 
as  ar  leth. 

B'  aill  le  Israel  Righ  fhaighinn,  1  Sam. 
viii.  5.  Cha  b'  urrainn  Samuel  car  uine 
am  peacadh  anns  a'  chuis  sin  a  dhearbhadh 
orra.  Ciod  a  rinn  an  Tighearna  ?  'S  cinnteach 
gu  'n  dearbh  Esan  am  peacadh  orra  ma  's 
fhag  e  iad,  agus  rinn  e  sin  le  tairneanaich 
cho  uamhasach,  's  a  thug  air  an  cridheachan 
goirteachadh ;  agus  ciamar  tha  e  nis  ? 
Ciod  am  peacadh  a  tha  iad  a  nis  a'  faicinn  1 
Tha  iad  an  toiseach  a'  faicinn  meud  .a 
pheacaidh  araidh  sin,  ach  cha  'n  e  so  'n  a 
aonar  a  thainig  gu  'n  cuimhne,  ach  ghlaodh 
iad  a  mach,  1  Sam.  xii.  19.  "  Chuir  sinne 
ri  ar  n-uile  pheacaidhean  am  fear  so,  gu  'n 
d'  iarr  sinn  Righ  dhuinn  fein."  Seall  ri 
bean  Shamaria,  Eoin  iv.  Labhair  an  Tigh- 
earna Criosd  gun  amharus  rithe  an  toiseach 
ma  thimchioll  fhein  susbain  an  t-soisgeul, 
m'a  luach  uisge  so  na  beatha.  Ach  ciod 
am  math  a  fhuair  i  gus  na  thoisich  an 
Tighearna  ri  mothachadh  a  thoirt  dhi 
m'  a  'peacadh,  agus  cia  mar  a  tha  E  'deanamh 
sin  1  Tha  E  'g  innseadh  dhi  ma  striopachas 
uaigneach  anns  an  robh  i  beo,  an  duine 
bh'  aice  nis  cha  b'  e  a  fearposda  fein  e  ; 
agus  'n  uair  a  leigeadh  so  ris  dhi,  chunnaic 
iomadh  peacadh  eile  ;  agus  uaith  sin  tha 
'g  eigheach  a  mach  (rann  29).  "  Thigibh 
agus  faicibh  an  duine  dh'  innis  dhomli 
na  h-uile  ni  a  rinn  mi  riamh  ann  mo  l)lipatli.a." 

'S  amhuil  sin  a  tha  'n  Tighearna,  a'  buintinn 
ri  muinntir  aig  an  latha  'n  diugh.  Tha 
ministear  a'  searmonachadh  an  aghaidh 
aon  pheacadh,  feudaidh  e  'bhi  striopachas. 


aineolas,  tarchuis  air  an  t-soisgeul,  dearmad, 
breugan,  is  briseadh  sabaid.  B'  e  so  do 
chorsa  deir  an  Spiorad  ris  an  anam.  Cuimh- 
nich  an  uair,  an  t-aite,  a'  mhuinntir  leis 
an  robh  thu  beo  anns  a'  chor  pheacach  so, 
agur  a  nis  tha  'n  duine  toiseachadh  ri  dol 
'na  aonar  agus  a'  sm.uaineachadh  air  a' 
cheud  chursan  uile,  cia  cho  olc  's  a  bha  iad. 
Feudaidh  e  'bhi  gu  'm.  bheil  an  Tighearna 
'toirt  trioblaid  theann  air  an  duine,  agus 
an  uair  a  tha  e  an  slabhruidhean,  a  glaodhaich 
a'  mach  asda  sin,  tha  'n  Tighearna  ag  radh 
ris  riiar  a  thuirt  e  riusan,  lerem.  xxx.  15. 
"Ciod  uime  sin  tha  thu  glaodhach  airson 
do  thrioblaid  ?  "  Airson  lionmhoireachd 
t-eucoirean  rinn  mi  so.  Feudaidh  e  'bhi  gu. 
'm.  bheil  an  Tighearna  air  uairean  a'  bualadh 
marbh  companach  duine  ann  am  peacadh  le 
breitheanas  eagalaclx  eigin,,  agus  an  sin  tha 
'm  peacadh  araidh  sin  a'  teachd  gu  'chuimhne, 
agus  tha  'n  Tighearna  'g  a  fhoillseachadli  aii' 
eideadh  le  iomadh  de  pheacaidhean  eile, 
aobharan  a  thoraidhean,  agus  a  mheasan, 
mar  a  tha  athair  a'  smachdachadh  a  leanabh 
air  son  aon  choire  's  am.  bith  ;  ach  an  sin, 
ag  innseadh  dha  m'a  iomadh  eile  thar  na 
sheall  e  seachad  roimhe  sin,  agus  a  deir  e 
ris,  a  ragaire,  cuimhnich  a  liuthad  so  de 
dh'  uair  a  leithid  so  de  theum  cheannairceach, 
agus  a  leithid  sud  de  ghiiilan  mi-dhleasdanach, 
agus  a  leithid  sud  a  dh'  fhocal  cainidh  a 
labhair  thu,  a  liuthad  so  a  dh'  uair  a  ghairm 
mise  agus  a  ruith  thus'  air  falbh,  agus  cha 
'n  eisdeadh  tu,  agus  shaoil  thu  gu  'ul  hu 
taitneach  gu  leoir  leamsa  na  roidibh  sin, 
ach  a  nis  biodh  fhios  agad  nach  do  sheall 
mi  seachad  orra. 


Aig  an  Uinneig 


Eaglais  Chaluim-chille  an  Lunnainn 
CHAN  "eil  eaglais  an  Albainn  as  fhearr 
as  aithne  dhuinn  na  Eaglais  Chaluim-chille 
an  Lunnainn,  eaglais  aig  a  bheil  a'  cheart 
tharruing  air  Albannaich  a  bha  aig  an 
Teampull  an  lerusalem  air  na  h-Iudhaich, 
no  tha  aig  Mecca  air  na  Mohammedanaich. 
Mar  is  fhaide  a  theid  e  o'n  tigh  is  ann  as 
teotha  a  tha  gaol  an  Albannaich  air  a 
dhiithaich  fhein  a'  fas,  agus  air  eaglais  a 
dhiithcha.  An  1941  bhuail  bomb  Gearmail- 
teach  an  eaglais  so  is  chuir  e  'n  a  smur  i, 
ach  tha  an  coimhthional  air  £132,000  a 
chruinneachadh  a  thogail  eaglais  iir,  is 
leag  a'  Bhan-righ  a'  chlach-steidhe  an  la 
roimh. 

Bha  ministeai'an  ainmeil  anns  an  eaglais 
so  ;  chan  urrainnear  dad  as  fhearr  a  radii 
mu'  n  OUamh  R.  F.  V.  Scott  a  tha  innte  an 
drasd  na  gur  airidh  e  air  an  Ollamh  Gilleas- 


buig  Flenimg  a  leantuinn,  duine  aig  an  robh 
ealain  shonruichte  air  coimhthional  a  chumail 
ri  cheile  le  shearmonachadh,  le  dhicheall  mar 
aodhair,  agus  le  fhreasdalachd  'mar  dhuine. 

Bidh  na  Sasunnaich  a'  cur  as  leth  muinntir 
Albann  gu  bheil  iad  ro  churam.ach  mu'  n 
sgillinn,  ach  ma  thoimhsear  iad  leis  an 
tabhartas  a  tha  iad  a'  toirt  do  thighean- 
eiridinn  aip  Sabaid  nan  Ospidal  tha  na 
h-Albannaich  na  's  fialaidhe  na  iad  fhein. 
Tha  an  tabhartas  bliadhnail  a  tha  Eaglais 
Chaluim-Chille  a'  toirt  do  na  tighean-eiridinn 
air  an  t-Sabaid  sin  fada  air  thoiseach  air 
na  tha  eaglais  air  bith  eile  ann  an  Lunnainn, 
Papana(;h  no  Easbuigeach,   a'  deanamh. 

Tha  e  'na  thoileachadh  dhuinn  uile, 
aig  a  bheil  deagh-thoil  d'a  clachaibh  agus 
d'  a,  h-uir,  gu  bheil  an  eaglais  ghaolach 
agus  uasal  so  ag  eirigh  suas  a  ris. 


Laoidh  Mhaidne  air  son  bigridh 


Tha  eolas  cinnteach  aig  a'  ghrein 

Air  am  a  h-eirigh  suas, 
Chum  solus  thoirt  do'n  chruinne-ce 

Tha  Dia  'ga  cur  mu'n  cuairt. 

Le  h-ehigh  teichidh  'n  dorch'  gu  cas, 

'S  thig  mais'  is  teas  o  gnuis  ; 
Cha  bhi  oirr'  sgiths,  's  chan  fheum.  i  foi.s,, 

'S  cha  ghabh  i  clos  'na  ciirs'.  $ 


O  bitheam  fein  mar  tha  a'  ghriau, 
A'  ghias'd  gun  sgiths  gach  la, 

'San  t-slighe  ghlan  gu  neamh  tha  triall 
Fo  sheoladh  Chriosd  do  ghnath. 

Thoir  dhomh,  a  Dhe,  do  ghras  gu  nioch, 

'S  na  leig  gu'n  gearain  mi ; 
Gu'n  cuirear  leamsa  m.'  oige  seach 

Le  diomhanas  gun  bhrigb . 


An  Laoidh  564 

Treoraich  mi,  a  Dhia  lehobhah, 

Re  mo  thuruis  ann  an  tim  ; 

Lag  tha  mi,  ach  thusa  neartmhor, 

Is  do  dheas-lamh  'ga  mo  dhion  : 

Le  aran  neamhaidh,  biadh  nach  failnich 

Beathaich  m'anam  fad  mo  thriall. 

Fosgail  fhein  an  tobar  f iorghlan 
Far  an  eirich  uisge  beo  ; 
Am  meall  teine  'ga  mo  ghleidheadh 
'S  am  meall  neoil  a'  tairgse  treoir  : 
O  Fhir-saoraidh,  laidir  buadhmhor, 
Bi-sa  fein  mo  sgiath  's  mo  bhosd.  ■ 

'Nuair  thig  mi  gu  bruaich  na  h-aibhne, 
Tosdaich  thusa  geilt  mo  chridh, 
Sptiin  thu  cumhachd  bais  is  ifrinn, 
Gleidh  mi  tearuint,  O  mo  Righ  ; 
Oran  molaidh,  cliii  nan  aingeal, 
Seinnidh  mi  gu  brath  's  gu  sior. 

Ruairidh  Ddmhnallach,  Steornabhagh. 


Laoidh  Molaidh 

"  Seinnibh  do  Dhia,  molaibh  ainm. 


Seinn  gu  h-ard  an  caismeachd  oirdhearc, 
Ainm  lehobhah,  gloir  ar  Triath  ; 

Molaidh  neamh,  gun  sgur,  a  mhorachd 
'S  togaidh  'n  talamh  ceol  do  Dhia, — 

Dia,  ar  dochas  anns  gach  dolas, 

Dia,  a  choisinn  dhuinn  gach  solas, 
Biodb  a'  ghloir  do  'n  Trianaid  naomh ! 


So  an  t-ainm  a  bha  o  linntean 
Ann  an  diomhaireachd  bha  mor  ; 

So  an  t-ainm  air  an  robh  righrean 
Agus  saoi  gu  dian  an  toir  ; 

Anns  a'  Bhreith  ud  Thusa  dh'  fhoillsicb 

Slainte  is  an  saoghal  shoillsich, 

Biodh  a'  ghlok  do  'n  Trianaid  naomh ! 


Aireamh  lo 


1950 


Ann  an  cruth  eile 


{Bha  an  seannon  so  air  a  liuhhairt  ann 
an  Eaglais  Bhlar-  Atholl  air  Domhnach 
na  Caisge  am  bliadhna.  Chuir  muinntir 
na  sgire  suas  Glar-cuimhne  do  na  gillean 
a  bha  air  am,  marbhadh  anns  «'  chogadh 
mil  dheireadh,  agus  dh'  iarr  am  ministear 
agus  an  fheadhainn  aig  an  robh  lamh  anns  a' 
ghnothuch  ormsa  dol  suas  a  choisrigeadh  a' 
Chuimhneachain  sin.  Ddmhnull  Mac  Laor- 
nuinn). 

"  AN  iiair  a  dh'  fhiosraicheas  'ur  claim  's 
an  am  ri  teach'd  ag  radh,  Ciod  is  ciall  diiibh 
leis  na  clachan  so  ?  an  sin  freagraidh  sibh 
,  .  .,"  losua,  iv,  6. 

Chan  'eil  duthaich  air  bith  bochd  aig 
a  bheil  cridhe  laidir,  agus  eachdraidh  uasal, 
agus  togalaichean  maiseach,  agus  Comh- 
arraidhean  follaiseach  air  feadh  na  tu-e 
air  gniomharan  gaisgeil  a  rinn  na  daoine 
o'n  d'  thainig  iad.  Anns  an  t-seagh  sin 
tha  Sasunn  saibhir  agus  maiseach,  agus 
Albainn  cuideachd  ann  an  tomhas  as  lugha, 
oir  dh'  fhag  an  da  chogadh  niu  dheireadh 
an  tuilleadh  de  na  Ciiirn-chuimhne  sin 
againn.  Ge  b'  e  taobh  an  teid  thu  tachraidh 
iad  ort ;  an  eaglaisean  ;  aig  crois  a'  bhaile  ; 
air  reidhleanan  gorma  am  meadhon  baile  ; 
Clachan  a  bha  air  an  cur  suas  le  ar  gineal 
fhein  mar  a  bha  an  da  chloich  dheug  ud 
a  thug  iad  a  abhainn  Jordan  air  an  cur 
suas  aig  Gilgal  leis  na  h-Israelaich,  a  dh' 
innseadh  d'  an  cloinn  agus  do  na  ginealan 
a  thigeadh  'n  an  deidh  gu'n  do  rinn  Dia 
nithean  mora  agus  miorbhuileach  air  an  son. 

Tha  cuid  de  na  Clachan- cogaidh  a  chuir- 
eadh  suas  an  Albainn  grannda  agus  leibid- 
each  ;  tha  cuid  eile,  mar  a  tha  an  te  a 
chuir  sinn  fhein  suas  ann  am  Blar,  gun 
bhuille  iiird  no  gilb  oirre,  drtiighteach 
mar  Bheinn  Shinai,  ach  gun  sgeimh  gun 
mhaise  ;  ach  tha  feadhainn  eile  cho  uasal 
agus  cho  maiseach  's  gu'n  taisich  is  gu'n 
glan  iad  do  chridhe  le  sealltainn  orra. 
Tha  an.  Cuimhneachan- cogaidh  as  maisiche 
am  Breatunn  air  Creag-a-Chaisteil  an  Dun- 
eideann  ;  thug  Dia  do  Sir  Raibeart  Lorimer 
a  dhealbh  e  an  tur  agus  an  gliocas- cridhe 
a  thug  6  do  Bhesaleel  agus  do  Aholiab  an 
uair  a  bha  iad  a'  cur'  suas  na  pailliunn. 

Chan    'eil   fhios    agam    cia    meud    Carn- 


cuimhne  a  bha  air  a  chur  suas  am  Breatunn 
an  deidh  a'  cheud  chogaidh,  1914-1918, 
ach  ma's^  fior  na  leugh  mi  ann  am  fear  de 
leabhraichean  an  duine  ghaolaich,  Artur 
Mee,  bha  tri  ar  fhichead  de  sgirean  ann  an 
Sasunn  nach  do  chaill  gin  de  na  gillean  a 
dh'  fhalbh  asda  do'n  chogadh.  Bha  cuid 
dhiubh  air  an  leon,  ach  thainig  iad  air  an 
ais,  is  cha  robh  gin  dhiubh  air  am  marbhadh. 
Bha  baile  beag  ann  an  siorramachd  York  as 
an  d'  fhalbh  da  fhichead  's  a  tri  a  thainig 
uile  air  an  ais  beo  ;  baile  eile  as  an  d'  fhalbh 
tri  deug  ar  fhichead,  agus  baile  eile  as  an  d' 
fhalbh  deich  ar  fhichead,  gun  ghin  a  chall. 
Bha  aobhar  aca  sin  Carn-cuimhne  a  chur 
suas  agus  na  facail  so  air, — • 

Is    iongantach    oibre    an     Tighearn    'n 
ar  suilibh-ne. 

A  h-uile  bliadhna,  an  uair  a  thig  an  t-am, 
bidh  sinne  agus  daoine  eile  air  feadh  na 
duthcha  a'  dol  a  dh'  ionnsuidh  nan  Clachan- 
cuimhne  so,  agus  a'  seasamh  beagan  mhion- 
aidean  m'  an  coinneamh  ann  an  samhchair 
sholuimte,  ag  iirnuigh  ri  Dia  agus  a'  cuimh- 
neachadh  le  urram  air  an  fheadhainn  a 
chaill  am  beatha  air  ar  sgath-ne  agus  air 
sgath  na  rioghachd.  Rinn  iadsan  an  rud 
a  bha  uasal  agus  ceart,  agus  ciod  air  bith 
an  toradh  a  thig  as  an  saothair,  chan  'eil 
teagamh  nach  b'  airidh  iad  air  gach  urram 
as  urrainn  dhuinne  a  thoirt  dhaibh,  ach 
cha  bhi  anns  an  t-seirbhis  so  a  tha  againn 
an  diugh  agus  na  h-urnuighean  a  tha  sinn 
a'  cur  suas  ri  Dia  ach  diomhanas  agus 
niealltaireachd  mur  cuir  sinn  boidean  oirnn 
fhein  gu'n  seas  sinn  daonnan  air  taobh  nan 
daoine  a  tha  a'  feuchainn  ri  cogadh  a  chur  as. 
Chan  'eil  sin  furasda  a  dheanamh,  agus 
chan  'eil  mi  a'  creidsinn  'n  am  chridhe 
gu'n  d'  amais  sinn  fhathast  air  an  doigh 
anns  an  gabh  e  deanamh.  Ach  is  maith 
dochas  beag  fhein,  agus  solus  coinnle  an 
uair  nach  'eil  a'  ghrian  ri  fhaicinn.  Gun 
dochas,  b'  fhearr  do  dhuine  a  bhi  marbh. 

Chan  'eil  mi  cinnteach  cia  meud  duine 
as  an  sgir  so  a  bha  anns  a'  chogadh  mu 
dheireadh,  1939-1945,  ach  cha  d'  thainig 
coig  deug  dhiubh  air  an  ais.  B'  aithne 
dhomh  iad  uile  gu  maith,  agus  bha  cuid 
dhiubh  anns  an  sgoil  Shabaid  agam  agus 
ann  an  class  a'  Bhiobuill,-  balaich  lagbaeh 


ANN    AN    CRUTH    EILE 


nach  robh.  tapaid  no  tuasaid  ri  Hitler  no 
ri  duine  eile  'n  am  beachd.  Ach  l?is  an 
tuiteamas,  no  an  dan,  no  am  freasdal 
diomhair,  a  tha  ceangailte  ri  beatha  mhic 
an  duine,  bba  iad  air  an  sonrachadh  a 
sluagh  na  sgire  iiile  agus  air  an  tarruing 
a  steach  do  Choire-Bhreacain  an  Uamhais, 
gun  an  cead  a  bhi  air  iarraidh,  no  aobbar 
eUe  air  a  thoirt  dhaibh  ach  gu'n  robh  iad 
6g  agus  luath  agus  laidir,  agus  nach  b' 
fhiach  led  teicheadh  mar  choineanan  do 
na  tuill.  Th,a  an  tuiteamas,  no  an  dan, 
no  an  taghadh,  no  am  freasdal,  a  tha  ag 
oibreachadh  ann  am  beatha  dhaoine  a' 
togail  smuaintean  'san  inntinn  air  nach 
urrainn  dhuit  gun  a  bhi  cnuasachadh, 
ach  ged  nach  'eil  mi  a'  dol  a  bhruidhinn 
uime  an  diugh,  is  diomhaireachd  dhomh 
fhein  e,  agus  is  bior  'n  am  choguis  e,  gu'm 
b'  fheudar  do  bhalaich  laghach,  a  bha  ditiid 
agus  neo-chiontach  'nan  cridhe,  mar  a 
bha  Niarll  Aitken,  Uisdean  Mac-an-toisich, 
Donnchadh  Mac  Fhionnlaidh,  Iain  MacCoin- 
nich,  Donnchadh  Mac-a-Phearsoin,  agus  an 
leithidean  eile,  ar  n-aite-ne  a  ghabhail  ann 
an  la  an  Uamhais,  agus  fulang  air  ar  sg^th-ne 
mar  a  dh'  fhuiling  Donnchadh  Mac-a- 
Phearsoin  a'  fagail  Chrete.  Tha  cogadh 
a  nis  air  fas  cho  briiideil  's  gu  bheil  e  a' 
cur  grain  air  daoine  leis  nach  mi-thoil 
tapaid  chothromach,  ach  ged  a  chaill  e  a' 
ghloir  a  bha  sinn  a'  toirt  dha  aon  uair, 
cha  chaill  duinealas  agus  misneach  agus 
fein-aicheadh  agus  fein-iobradh  am  meas 
agus  an  gaol  a  tha  againn  orra  gu  brath. 
Tha  ni-eigin  neo-bhasmhor  ann  an  euchd 
gaisgeil. 

Cha  b'  ann  gu  h-aotrom  ioUagach  a 
chaidh  ar  gillean  oga  do'n  chogadh,  no  gun 
smuain  air  na  bha  romhpa,  ach  a  chionn 
gu'n  do  chuir  an  oige  agus  an  crannchur  ann 
iad,  agus  gu'm  bu  mhaith  leo  an  dleasdanas 
a  dheanamh  gu  toileach  agus  cho  surdai] 
's  a  ghabhadh  e  bhith  ;  agus  a  chionn  gu'n 
robh  iad  a'  creidsinn  nan  nithean  a  bha 
iad  a'  cluinntinn  gun  sgur  anns  an  eaglais, 
anns  na  paipearan-naidheachd,  'n  an  dach- 
aidhean  agus  'n  am  measg  fhein  aig  an 
obair,  gu'n  robh  Dia  agus  Righ  Deorsa 
agus  Parlamaid  Bhreatuinn  'gan  gairm 
gu  Cogadh  Naomh  an  aghaidh.  Shatain 
agus  am  feachd  de  dhroch  dhaoine  a  bha 
air  a  chul,  a  bha  air  son  an  cuid  agus  an 
saorsa  agus  nithean  priseil  eile  a  thoirt  o 
dhaoine  sitheil  gu  h-eucorach.  Bha  an 
smuain  sin  'na  chomhfhurtachd  do  na 
saighdearan  agus  'na  neart  do'n  arm. 

Tha  sinn  eruinn  an  diugh  air  co-ainm 
an  Ik  air  an  d'  eirich  Criosd,  le  buaidh 
thairis  air  a'  bhas  agus  air  an  uaigh,  agus 


leis  an  do  sheulaich  e  an  dochas  a  tha  aig 
creidmhich  ann  an  Dia  nach  e  an  uaigh 
ar  crioch  dheiteannach,  agus  nach  'eil 
anns  a'  bhas  ach  dorus  air  a  bheil  sinn  a' 
dol  a  steach  do'n  t-saoghal  eile  a  tha  spiora- 
dail  agus  siorruidh.  Shaoil  Pilat  agus 
Caiaphas  agus  an  fheadhainn  eile  aig  an 
robh  lamh  ann  am  bas  Chriosd  gu'n  do 
chuir  iad  crioch  air  an  uair  a  cheus  iad  e  is  a 
dh'  fhag  an  anail  a  chorp,  ach  mar  a  tha 
soisgeul  Mharcuis  ag  innseadh,  dh' eirich  e  as 
an  uaigh  agus  nochd  e  e  fKiein  do  na  deisciobuil 
ann  an  cruth  eile  ;  an  Caraid  a  b'  aithne 
dhaibh  anns  an  fheoil;  a  bha  ceusda,  marbh, 
agus  air  a  chur  'san  uaigh,  fhathast  beo, 
an  aon  neach  agus  an  neach  ceudna,  ann  an 
cruth  eile. 

Cha  tainig  na  gUlean  a  tha  sinn  an  diuglx 
a'  cuimhneachadh  agus  ag  ionndrainn  air 
an  ais  as  a'  chogadh,  ach  ged  chaidh  iad  as 
ar  sealladh-ne  tha  iad  beo  ann  na  cruth  eile, 
agus  maith-dh'  fhaoidte  na's  dJuithe  do 
Chriosd  anns  an  t-saoghal  anns  a  bheil  iad 
a  nis  na  bha  iad  riamh  anns  an  fheoil. 
Chan  'eil  fhios  againn.  Diomhaireachd 
mhor  a  tha  ann  an  staid  nam  marbh  agus 
anns  an  t-saoghlal  shiorruidh ;  diomhaireachd 
air  nach  'eil  leus  soluis  againn  ach  na  tha 
againn  anns  a'  Bhiobull. 

Do  na  teaghlaichean  a  chaill  na  gillean 
a  tha  an  ainmean  sgriobhte  air  a'  chlar  so 
thug  Dia  'na  fhreasdal  tomhas  saoibhir  de 
"  aran  dheur  is  broin,"  ach  an  diugh  air 
Domhnach  na  Caisge  tha  e  a'  toirt  dhaibh 
'na  ghras  an  soisgeul  agus  an  dochas  as 
fhearr  a  chualas  riamh,  dochas  na  beatha 
maireannaich,  seulaichte  le  aiseirigh  a  mhic, 
an  Tighearn  losa  Criosd,  a  bha  marbh 
ach  a  tha  nis  beo  ann  an  neamh  'na  ghloir, 
agus  air  an  talamh  'na  chumhachd. 

Tha  cainht  a'  Bhiobuill  daonnan  maiseach 
mar  is  cubhaidh  do  leabhar  a  bha  air  a 
sgriobhadh  le  daoine  naomh,  ach  a  mach 
o'n  Bhiobull  chan  fhaic  thu  ann  an  aite 
air  bith  cairint  as  simplidhe  no  as  maisiche 
na  na  briathran  a  tha  air  an  sgriobhadh 
air  cuid  de  na  Carraighean-cuimhne  a 
chuireadh  suas  anns  an  duthaich  an  deidh 
a'  Chogaidh,  1914-8.  Na'n  robh  iad  air  an 
cruinneachadh  ann  an  leabhar  beag  boidh- 
each  b'  fhiach  dhuit  an  toirt  do  chloinn 
aig  an  NoUaig  a  chur  smuaintean  uasal 
'nan  cridhe, 

Bha  coig  ceud  de  na  balaich  a  bha  ann  an 
Sgoil  Winchester  air  am  marbhadh,  agus 
is  ann  mar  so  a  tha  an  sgriobhadh  air  a' 
chlar  a  chuireadh  suas  mar  chuimhneachan 
orra  a'  toiseachadh, — "  Ann  an  la  a'  chruadail 
cha  do  dhichuimhnich  iad  Dia.  a  chnUhaich 
iad  a  dheanamh  a  thoile,  no  an  dMhaich  a 


ANN    AN    CRUTH    EILE 


dh'  araich  iad,  didsann  na  saorsa  ;  no  an 
sgoil  so,  a'  mhathair  a  thug  oilean  diadhaidh 
dhaibh  agus  smachd." 

Air  clsir  e'ile  ann  am  baile  beag  an  Sasunn 


tha  na  facail  so  sgriobhte, — "  Cuimhnichibh, 
a  chlann,  gloir  agus  doilgheas  cogaidh, 
misneach  nan  saighdearan,  agtts  brdn  is 
fulangas  an  t-sluaigh  uile." 


Fo  Chraobh  Sheudair 


BHIODH  iad  ag  radh  mu'n  choimhthional 
a  bha  aig  an  Ollamb  Gilleasbuig  Fleming, 
a  bha  'na  mhinistear  an  eaglais  Chalum- 
cille  an  Lunnainn,  gu'n  robh  e  coltaoh  ri 
measair  bhainne  ;  nach  robh  ann  ach  uachdar 
agus  bainne-togalach.  Bha  aireamh  mhaith, 
gun  teagamh,  de  mhaithean  na  tire  a'  dol  a 
dh'  eaglais  Chalum-cille  ;  Diiicanna,  larla- 
chan,  Morairean,  Seanailearan,  agus  an 
seorsa  sin,  ach  bha  aireamh  a  bu  mhotha 
de  sheorsa  eile  a'  dol  innte,  caileagan- 
searbhanta  a  Albainn,  agus  gu  sonraichte  as 
a'  GhMdhealtachd,  d'  an  robh  i  'na  bann 
a  bha  'gan  cumail  cuimhneach  air  an  diithaich 
agus  an  dachaidh.  B'  airidh  an  t-Ollamh 
Fleming  air  meas  a  bhraithrean  mar  sgoilear, 
mar  shearmonaiche,  agus  mar  dhuine  glic 
agus  tuigseach  aig  an  robh  comhairle  mhaith 
agus  peann  deas.  Ach  cba  robh  dad  eile 
a  rinn  e  riamh  a  bu  chliutiche  dha  na  gu'n 
robh  e  a  cheart  cho  measail  agus  cho  frith- 
eilteach  air  na  searbhantan  a  bha  dol  do'n 
eaglais  aige  's  a  bha  e  air  na  h-uaislean  a 
bha  dol  innte.  B'  aithne  dhomh  suas  ri 
fichead  de  na  caileagan  sin,  agus  an  deidh 
mo  bhais  chan  iarrainn  teisteanas  a  b' 
fhearr  na'n  teisteanas  a  thug  iad  uile  dhomh 
air  Gilleasbuig  Fleming. 

Tha  an  seorsa  shearbhantan  so  as  a' 
Ghaidhealtachd  air  fas  cho  gann  's  gu  bheil 
iad  duilich  am  faotainn  idir,  c'  aite  air  bith 
an  deachaidh  iad,  ach  ri  mo  cheud  chuimhne 
gheibheadh  tu  'nam  measg  nigheanan  dreach- 
mhor  aig  an  robh  modh  agus  labhairt 
agus  banachas-tighe  a  dheanadh  freagarrach 
iad  air  inbhe  air  bith,  boirionnaich  bhanail 
shubhailceach  as  am  faodadh  tu  earbsa 
a  chur  gu'n  deanadh  iad  bean  mhaith  do 
dhuihe  air  bith,  ma  bha  ttir  is  gliocas  ann 
fhein  ;  croitear,  no  tuathanach,  no  maighstir- 
sgoil,  no  ministear,  no  doctair,  no  bancair. 
An  uair  a  b'  aithne  dhomh  bean  a'  Chokneil 
an  toiseach  bha  dithis  no  triuir  de  nigheanan 
gasda  de'n  t-seorsa  so  aice  ann  an  sgioba 
an  tighe,  ach  an  diugh  chan  'eil  aice  ach 
aon  chaile  dhubh  ghrannda  a  Tigh-nam- 
bochd  a  fhreagras  i  le  O.K.  no  Righto. 

Tha  na  Socialists  cho  friotalach  'san 
fheoil,  agus  tha  cuid  d'  am  bhraithrean  cho 
gaolach  air  a  bhi  snamh  leis  an  t-sruth  's 
gu'm  faod  gun  abair  iad  nach  'eil  e  grinn 
do  dhuine  a  tha  a'  gabhail  air  a  bhi  'na 


Chriosduidh  a  radh  gu  bheil  caile  air  bith 
dubh  agus  grannda,  no  gun  ghrinneas, 
gun  mhodh. 

Bean-uasal 

Cha  b'  aithne  dhomhsa  Sine  Rarasay 
ach  mu  shia  miosan  uile  gu  leir,  ged  a 
bhithinn  a'  faicinn  plathadh  dhi  uair  's  a' 
bhliadhna  an  uair  a  thigeadh  i  dhachaidh 
a  Lunnainn  air  laithean-feille.  Ach  bhithinn 
a'  cluinntinn  uimpe  o  h-athair  agus  a 
mathair,  air  am  bithinn  a'  tadhall  gu  maith 
trie,  air  chor  agus  gu'm  faodainn  a  radh 
gu'n  robh  mi  eolach  oirre  m'  am  faca  mi 
riamh  i. 

Bha  Niall  Ramsay  agus  a  bhean  'n  an 
caraid  cho  measail  agus  cho  deanadach  's  a 
gheibheadh  tu  ann  an  seachd  sgirean  ; 
esan  'na  ghairnealau*  aig  a'  Chaiptean  agus 
isea'  bleoghan  da  bho  agus  a'  cocaireachd 
agus  a'  frithealadh  do'n  Chaiptean  an  uair 
annamh  agus  an  uine  ghoirid  a  bhiodh  e 
aig  an  tigh.  Cha  robh  an  tuarasdal  ach  beag, 
ach  cha  robh  an  obair  trom.  Bha  coignear 
de  theaghlach  aca,  ceathrar  mhac  agus  aon 
nighean.  Sine,  a  bha  sia  bliadhna  an  deidh 
nam  balach.  Gle  thric  ni  parantan  fiughair 
na's  motha  ri  leanabh-mic  na  ni  iad  ri 
leanabh-nighinn,  ach  na'n  robh  am  brat 
air  a  thogail  bharr  an  sul  chitheadh  iad 
gu  bheU  nigheanan  mar  is  trice  a'  toirt 
barrachd  comhfhurtachd  d'am  parantan 
'n  an  sean  aois  na  mic.  Co  dhiubh  sin  mar  a 
thachair  do  Niall  Ramsay  agus  d'a  mhnaoi. 

Bha  na  balaich  gaolach  gu  leor  air  am 
parantan,  ach  aon  uair  's  gu'n  ruigeadh  iad 
fichead  bliadhna  bha  teas  a'  tighinn  'nam 
fuil  gu  posadh.  An  taodh  a  stigh  do  dha 
bhliadhna  phos  a  cheathrar  aca,  is  sgaoil 
iad  iad  fhein  air  feadh  an  t-saoghail ;  dfthis 
dhiubh  a'  ciobaireachd  am  Patagonia,  fear 
anns  an  arm,  agus  fear  eile  ag  obair  aig 
tuathanaich  ann  an  Canada.  A  thaobh 
's  nach  robh  annta  uile  ach  cosnaichean 
gun  sgoil  bha  gu  leor  aca  ri  dheanamh  an 
tighean  fhein  a  chumail  suas  gun  a  bheag 
a  thoirt  d'am  parantan  'nan  seann  aois. 

B'e  Sine  an  aon  chiil-taice  a  bha  aig  a 
parantan  an  uair  a  bhris  air  an  slainte 
gu  maith  tr^th  'n  am  beatha,  agus  a  b' 
fheudar  dhaibh  seirbhis  a'  Chaiptein  fhagail. 
Cho  luath  's  a  bha  i  coig  bliadhna  deug 
chaidh  i  'ga  cosnadh  ;   a'  cheud  aite  ann  an 


4 


FO  OHRAOBH  SHEUDAR 


tigh  doctair  ann  an  Dun-eideann,  ach  dh' 
fh^g  i  e  gu  luath  a  chionn  gu'n  robh  aimhreit 
agus  canran  truid  eadar  e  fhein  agus  a 
bhean  gun  sgur,  rud  nach  fhaca  is  nach 
cuala  i  riamh  ann  an  tigh  a  h-athar,  rud 
nach  robh  fhios  aice-^gu'n  robh  a  leithid  a' 
dol  air  aghaidh  anns  an  t-saoghal,  no  gu'm 
biodh  mnathan  riomhach  a'  mionnachadh 
agus  ag  61.  Ach  bha  an  t-aingeal  a  hubhair 
lacob  maille  rithe  an  uair  a  f huair  i  an  ath 
aite  ann  an  Lunnainn,  far  an  robh  sia  no 
seachd  de  shearbhantan,  agus  bean-tighe 
as  an  cionn  fo  bhan-mhaighstir  choibhneil 
agus  chriosdail.  B'e  sin  a  h-aite-taimh  fad 
tri  bhadhna  fichead  gus  am  b'  fheudar 
dhi  dol  dhachaidh  an  uair  a  shiubhail  a 
mathair ;  a'  dol  air  a  h-aghaidh,  ceum  air 
cheum,  o  bhi  'na  caileig  fo'n  chocaire  gus 
an  robh  i  'na  bean-tighe  os  cionn  an  sgiobaidh 
uile,  agus  iuchraichean  an  tighe  an  crochadh 
r'a  crios. 

Nighean  dhleasdanach 

Cha  robh  i  ach  gle  6g  an  uair  a  leig  i  dhi 
posadh,  'na  ceart  deoin,  a  chionn  gu'n 
robh  fhios  aice  gu'm  biodh  a  parantan  an 
urra  rithe  an  uair  a  dh'  fheumadh  iad  stad 
a  dh'  obair.  Bha  i  muirneach  umpa  :  a 
h-uile  seachduinn  bhiodh  litir  aca  bhuaipe, 
agus  a  h-uile  bliadhna  an  uair  a  gheibheadh 
i  mu  reir  fad  ceithir-la-deug,  's  ann  comhla 
ri  h-athair  's  ri  'mathair  a  chuireadh  i 
seachad  a  h-uile  mionaid  de'n  iiine.  An 
uair  a  bhiodh  i  aig  an  tigh  's  iomadh  duine 
dochasach  a  chaidh  air  cheilidh  air  an  t-seann 
ghairnealair,  agus  pasgan  de  fhail-chuaich 
'na  laimh,  ach  cha  d'  thainig  dad  as 
ach  gu'n  do  lion  aile  nam  fluraichean  an 
seomar. 

An  sin  thuit  a'  bhuille.  Fhuair  i  an  litir 
so  o  h-athair  'na  lamh-sgriobhaidh  mhor 
chritheanach, — 

"  A  nighean  ghaoluch, 

Tha  mi  a'  sgriobhadh  na  litreach  so  a 
dh'  innseadh  dhuit  gu  bheil  do  mhathair 
bochd.  Bu  mhaith  learn,  a  luaidh,  thu  a 
thighinn  dhachaidh  ma  bheir  do  bhan-mhaigh- 
stir cead  dhuit.  Chan  urrainn  mi  a  radh 
gu  di  tha  cearr  air  do  mhathair.  Tha  iad 
ag  radh  nach  e  fiabhrus  a  tha  ann,  no  galair 
laidir,  ach  tha  a  neart  a'  sioladh  air  falbh  cho 
luath  's  gu  bheil  eagal  air  an  doctair  nach 
mair  i  fada.  Tha  i  a'  bruidhinn  umad-sa 
gun  sgur,  'na  cadal  agus  'na  dusgadh,  agus 
an  raoir  bha  i  a'  saoilsinn  gu'n  robh  thu 
'nad  leanabh  'na  h-uchd,  agus  sibh  a'  cluich-. 
eachd  ri  cMile.  Dh'  fheuch  i  ri  seinn,  ach 
bha  a  guth  cho  fann  's  nach  deanamaid  a 
mach  gu  dd  a  bha  i  ag  radh,  ach  bha  i  a' 


gluasad  a  coise  sios  is  suas  mar  gu'm  biodh 
i   a'-  turramanaich   creathaill. 

Ou'n  gleidheadh  an  Tighearn  thu,  a  ghaoil, 
am  measg  choigreach  le  d'  chridhe  goirt, 
agus  ann  an  cunnartan  do  thuruis,  ma  gheibh 
thu  cead  tighinn  dhachaidh.  Ach  mur  faigh 
cha  bhi  arach  air,  oir  tha  do  dhleasdanas 
d'  ad  mhaighstir  cho  maith  's  a  tha  e  dhornhsa, 
is  cha  saoil  mi  gur  freasdal  cruaidh  e  mur 
tig  thu,  ged  tha  mo  chridhe  a'  glaodhach  ort 
'n  ar  n-eiginn. 

Gaol  cridhe  t'  athar  dhuit,  a  luaidh, 

Niall  Ramsay." 

Bha  a  ban-mhaighstir  cho  caomhail  's  a 
bhiodh  aon  d'a  cuideachd  fhein,  agus  an 
taobh  a  stigh  a  dh'  uair  an  uaireadair 
bha  i  air  an  rathad  gu  Peairt.  Ma  leugh  i  an 
litir  aon  uair  eadar  Lunnainn  agus  Peairt 
leugh  i  i  fichead  uair  gus  an  robh  a  h-uile 
facal  air  a  dheargadh  cho  soilleir  air  a 
cuimhne  's  gu'n  leughadh  i  iad  air  sgathan  a 
h-inntinn  gun  an  litir  fhein  idir.  Tha  an 
litir  a  nis  air  mo  bheulaibh-sa.  Cha  robh 
fhios  agam  gu'n  robh  i  agam,  ach  thainig 
mi  trasd  oirre  an  de  am  measg  sheana. 
phaipearan  a  bha  mi  a'  dol  a  losgadh,  agus 
'sia  thug  gu  m'  chuimhne  an  t-Ollamh 
Gilleasbuig   Fleming. 

Bha  triiiir  no  cheathrar  de  na  coimh- 
earsnaich  comhla  ri  Niall  Ramsay  an  uair  a 
rainig  Sine  an  tigh,  agus  a  dh'  fhaighnich 
i  de'n  cheud  te  a  choinnich  rithe  aig  an 
dorus,  "  Am  bed  mo  mhathair  ?  " 

"  Tha  do  mhathair,  a  Shine,  far  nach  'eil 
has  no  bron  tuilleadh." 

"  C  aite  a  bheil  m'  athair  ?  " 

"  Tha  e  shuas  an  staidhir." 

Dh'  fhan  iad  le  cheile  shuas  an  staidhir 
gun  duine  eile  comhla  riu,  fad  uair  a  dh' 
iiine ;  esan  ag  innseadh  dhi  cuid  de  na 
thuirt  a  mathair  ris  air  an  la  mu  dheireach. 

"  Ach  beagan  roimh  'n  chrich,"  ars  esan, 
"  bha  d  h-inntinn  a'  dol  air  iomrall,  agus 
cha  b'  urrainn  dhuinn  a  dheanamh  a  mach 
cia  dhiubh  a  bha  i  a'  bruidhinn  rithe  fhein 
no  riutsa.  Bha  a  suilean  fosgailte,  ach  mu 
choig  mionaidean  m'an  do  thilg  i  an  anail, 
dhuin  i  a  suilean,  thionndaidh  i  air  a  taobh, 
is  thuirt  i  an  guth  a  bu  laidire,  Dia  agus  gaol 
na  cloinne." 

Cha  robh  an  duine  fada  as  a  deidh,  ach  cha 
robh  aobhar  dheur  no  broin  'na  fhalbh-san, 
oir  rainig  e  aois  mhaith,  agus  bha  e  anmhunn 
dheth  fhein  agus  abuich,  ach  an  uair  a  chualas 
gu'n  do  shiubhail  Sine,  agus  gun  i  buileach 
da  fhichead  fhuair  sinn  eile  creanachadh 
agus  dh'  fhas  sinn  balbh.  Air  la  an  torraidh 
bha  moran  dhaoine  anns  a'  chladh,  ach  bha 


FO  CHRAOBH  SHEUDAR 


triuir  choigreach  ami  a  thainig  air  astar 
fada  a  nochdadh  am  meas  a  bha  aca  air 
searbhanta  a  bha  'na  fior  bhean-uasal, — 
K.  W.  Standish  agus  a  bhean,  maighstir 
agus  ban-mhaighstir  Sine  Ramsay,  agus  an 
t-Ollamh  GHleasbuig  Fleming,  ministear  na 


h-eaglais  d'am  biodh  i  a'  dol  an  Lunnainn.  iad. 


Coinnichidh.  am  beartach  agus  am  bochd 
a  cheile,  agus  ma's  daoine  onorach  agus 
uasal  iad,  theid  aca  air  coinneachadh  mar 
bhraithrean,  ach  gun  onoir  no  uaisle  cha 
bhi  am  bochd  agus  am  beartach  'n  ani 
braithrean,  ged  bu  chlann  na  h-aona  mhathar 


Is  diomhanas  so  cuideachd 

Thtig  e  dhaibh  an  iarrtus,  ach  chuir  e  caoile  air  an  anam. — Salm  cvi,  15. 


MUR  b'  aithne  dhomh  an  teaghlach  as  an 
d'  thainig  e,  bhiodh  e  duilich  dhomh  a 
thuigsinn  ciamar  a  b'  urrainn  balach.  cho 
6g  a .  biii  cho  gaolach  air  a  bhi  mor  's  a 
bha  Uilleam  MacAmhlaidh.  0  bha  e  naoi 
bliadhna  dh'  aois  cha  robh  dad  eile  a'  ruith 
'n  a  inntinn  ach  a  bhi  mor  ;  a  bhi  air  thois- 
each  air  balaich  eile  aig  am  biodh  farmad 
ris.  An  uair  a  bhiodh  e  a'  tarruing  dhealbh 
agus  a'  togail  thiir  gu  diomhaineach  'n  a 
inntinn  chan  fhaca  e  e  fhein  riamh  'n  a 
shuidhe  air  stol  iosal  no  air  cathair  shiomain  ; 
bhiodh  e  'ga  fhaicinn  fhein  'n  a  shuidhe 
ann  an  cathair-da-laimhe,  air  a  deanamh 
de  mahogany.  Ach  b'  aithne  dhomh  na 
daoine  d'am  buineadh  e  air  an  da  thaobh 
fad  tri  ginealan,  agus  tha  fhios  agam  gu 
maith  nach  ann  o  'athair  a  thug  Uilleam 
MacAmhlaidh  an  raiteachas  agus  an  spaglainn 
a  bha  ann  ach  o  mhathair  agus  o  chuideachd 
a  mhathar,  a  bha  Ian  boilich  is  uaill. 

Bha  Uilleam  MacAmhlaidh  anns  na  Balaich 
Scouts  ;  a'  bhliadhna  a  bha  lamboree  aca 
ann  an  lonar-aora  thug  an  Diuc  cead  dhaibh 
an  Caisteal  fhaicinn,  a  muigh  's  a  stigh. 
An  uair  a  chunnaic  an  t-Ollamh  Maclain 
lonar-aora  is  e  thubhairt  e,  "  Cha  robh 
cosdus  air  a  chaomhnadh  air  an  togail  so. 
Ach  is  e  thuirt  Uilleam  MacAmhlaidh,  "  Cha  - 
bhi  mi  toilichte  gu  brath  gus  am  bi  mi  a' 
fuireach  ann  an  tigh  cho  mor  ris  an  tigh  so." 

Cha  do  rinn  na  balaich  eile  ach  gaire 
fanoid,  agus  riamh  tuilleadh  cha  d'  fhuair 
e  ainm  eUe  ach  an  "  Diuc." 

Shaoileadh  tu  air  uairean  o  fhacail  a 
bhiodh  e  ag  radh  nach  robh  smod  tuir 
ann,  ach  an  uair  a  dh-  fhag  e  an  sgoil  agus  a 
thoisich  e  air  obair  thug  e  an  aire  air  'obair 
cho  maith,  is  bhiodh  e  aice  anns  a'  mhaduinn 
cho  cinnteach  air  a'  mhionaid,  's  gu'n  do 
chuir  Postmaster  ChUle-sgumain  roimhe  an 
uair  a  bhiodh  Uilleam  MacAmhlaidh  fichead, 
gu'n  tugadh  e  dha  a'  phostaireachd  do 
Ghleann   Usgabhaig. 

Ann  am  beagan  iiine  cha  robh  duine  eile 
ann  an  Cille-sgumain  a  bha  cho  trie  ann 
am   beul   an   t-sluaigh,    oir    chan   e   mhain 


gu'n  robh  iad  a'  faotainn  nan  litrichean 
uair  gu  leth  na  bu  traithe,  leis  cho  sgiobalta 
's  a  bha  e  air  na  euibhlichean,  ach  bha  e 
cho  sunndach  e  fhein,  is  liubhradh  e  na 
litrichean  ann  an  doigh  cho  eibhinn  (gun 
a  bhi  miomhail)  's  nach  b'  urrainn  do  dhaoine 
gun  aoibh  a  bhi  orra  an  uair  a  chitheadh, 
iad  e  a'  tighinn  a  dh'  ionnsuidh  an  doruis. 

A'  cheud  uair  a  chunnaic  an  Coirneal  e 
thachair  iad  air  a  cheile  aig  a'  gheata, 
agus  an  Coirneal  a'  dol  a  steaeh  do'n  char. 
Bhean  am  posta  leis  an  dara  laimh  ri  dhosan 
agus  leis  an  laimh  eile  shin  e  litir  dha  ag 
radh,  Sgeul,  mo  thighearna,  an  righ !  Sheall 
an  Coirneal  gu  cas  air  a  oisean  a  shula, 
agus  leth-fhosgail  e  a  bheul,  ach  an  sin 
thainig  fiamh-ghaire  air  aodann  is  cha  d' 
thuirt  e  dad.  An  deidh  laimhe  an  uair  a 
bhiodh  na  geamairean  agus  a  bhean-tighe 
ag  innseadh  dha  cuid  de  rudan  eibhinn  a 
bhiodh  am  posta  ag  radh,  bu  ghasda  leis  a 
choinneachadh  aig  a'  gheata. 

Latha  a  thug  boirionnach  sonruichte  dha 
pasgan-posta  a  bha  mor  a  gus  trom,  'ga 
thoirt  do  thigh -nan-litrichean,  anns  an 
robh  da  dhusan  ubh  tunnaig,  punnd  ime, 
sgonn  bradain  agus  da  bhreac  thiiirt  e  mar 
gu'm  biodh  e  a'  bruidhinn  ris  fhein,  an  uair 
a  bha  e  'ga  chur  anns  a'  bhaga,  "  Ceanglaidh 
iad  uallaichean  troma  agus  cuiridh  iad  iad 
air  guaillean  dhaoine,  ach  cha  charuich  iad 
fhein  iad  le  aon  d'am  meuran." 

Uair  a  thug  am  ministear  litir  dha  'ga 
postadh,  agus  ainm  an  duine  a  bha  i  a'  dol 
chuige  air  a  dhroch  sgriobhadh  oirre,  thuirt 
e  ris,  "  Sgriobhaibh  i  agus  deanaibh  soilleir 
i  air  claraibh  air  chor  agus  gu'm  faod  esan 
ruith  a  leughas  ^." 

Ach  ged  bu  toigh  le  Uilleam  MacAmhlaidh 
a'  phostaireachd  maith  gu  leor,  thug  e 
suas  i,  oir  cha  robh  Caisteal  lonar-aora  a' 
tighinn  dad  na  bu  dltiithe  dha,  agus  dh' 
fheumadh  e  airgiod  a  dheanamh. 

Phos  e  te  a  bha  a'  fuireach  leatha  fhein 
air  croit  bheag  a  dh'  fhag  a  h-athair  aice. 
Cha  robh  anns  a'  chroit  ach  clachan  is 
greabhal    is    bacanna    gainmhich,    ach    an 


6 


IS    DIOMHANAS    SO    GUIDE ACHD 


uaii-  a  thoisich  Feachd  an  Adhair  agus 
muinntir  an  Airm  air  feum  a  chur  air 
gainmhich  is  greabhal,  a  chur  suas  bhothagan 
agus  a  dheanamh  rathaidean,  agus  a  bha 
iad  a'  toirt  leth-chrun  an  tunna  orra  do 
Uilleam  MacAmhlaidh  b'  fhearr  dha  a' 
chroit  bhochd  ud  na  meinn  oir. 

An  sin  sgaoil  e  a  sgiathan.  Fhuair  e 
sgaoth  de  lorries,  tractors,  bull-dozers,  agus 
innealan-togail ;  luchd-ceaird,  cleirich,  agus 
Eirionnaich  a  dheanamh  obair  throm  is 
-  shalach  ;  thug  an  Riaghaltas  agus  muinntir 
an  Airm  gu  leor  a  dh'  obair  dha,  agus  aon  uair 
's  gu'm  faigh  duine  a  bhi  'na  fhear-gnothuich 
airm  an  am  cogaidh,  tha  fhortan  deanta. 
Sin  mar  thachair  do  Uilleam  MacAmhlaidh. 
Ach  mar  bu  mhotha  a  bha  aige  is  ann  bu 
mhotha  a  bha  dhith  air. 

An  sin  stad  e  a  dh'  obair  ged  bha  daoine 
eile   ag   obair  air   a   shon.      Thainig   e    'na 


cheann  gu'n  robh  sHghe  na  bu  ghiorra  do 
neamh  na  obair  ;  gu'm  b'  fhasa  dha  Caisteal 
lonar-aora  a  ruighinn  ie  bhi  malairt  airgid. 
Chaidh  e  ann  an  co-bheinn  ri  fear-lagha 
de  threubh  Bheniamin,  ach  gu  mi-fhortanach 
fhuair  an  duine  sin,  an  ceann  bliadhna, 
gairm  chabhagach  do  Dhamascus,  is  dh' 
fhag  e  Uilleam  MacAmhlaidh  cho  riiisgte  ri 
coileach  air  a  spionadh.  Agus  's  e  bu  deireadh 
dha  gu'n  d'  thugadh  air  falbh  e  do  Ghartnavel. 
***** 

"  An  duine  bochd,"  arsa  cuideigin  ris  a' 
Cheistear  "  thainig  an  tigh  mor  agus  an 
t-airgiod  eadar  e  's  a  chadal,  agus  eadar 
e  is  Dia,  agus  e  nis  eadar  e  's  a  chiall, 
ach  cha  d'  fhuair  e  an  rud  air  an  robh  a 
chridhe  an  geall." 

"Chan  abrainn.  sin,"  ars  an  Ceistear, 
"  tha  Gartnavel  gu  maith  na's  motha  na 
Caisteal  lonar-aora." 


Aig  an  Uinneig 


Ah  luchair  Oir 

SIN  an  t-ainm  a  thugadh  do  leabhar  a 
tha  air  ur  thighinn  a  mach,  anns  a  bheil 
seachd  ar_fhichead  de  na  searmoin  aig  an 
fhear  nach  maireann,  Calum  MacLeoid, 
M.A.,  a  bha  'n  a  mhinistear  am  Both-chuidir 
agus  'na  Cheann-suidhe  air  a'  Chomunn 
Gh^idhealach.  Thugadh  an  t-ainm  sin  dha 
o'n  cheud  cheann-teagaisg,  "  An  ti  aig  a 
bheil  iuchair  Dhabhidh,  an  ti  a  dh'  fhosglas, 
agiis  cha  dixin  neach  air  bith ;  agus  a 
dhuineas,  agus  chan  fhosgail  neach  air  bith." 
Taisbean,  III,   7. 

A  thuilleadh  air  na  searmoin,  a  tha  air 
an  cur  a  mach  fo  laimh  an  Urramaich, 
Tomas  M.  MacCalmain,  M.A.,  tha  iomradh 
anns  an  leabhar  air  beatha  agus  obair  an 
fhir  a  sgriobh  iad,  am  Beurla  agus  an  Gaidhlig, 
air  chor  is  nach  ruig  mi  a  leas  dad  a  radh 
uime  sin  ach  a  mhain  cho  eu-coltach  's  a 
tha  sgriobhadh  MhicCalmain  agus  sgrlobhadh 
MhioLeoid  ri  cheile,  MacCalmain  mar  gu'm 
biodh  gunna  a  thilgeas  an  urchair  cho 
cruinn  's  gu'n  amais  a'  chuid  mhor  de'n 
luaidhe  an  coml^arradh,  agus  MacLeoid 
mar  gu'm  biodh  gunna  a  spriodas  no  sgaoileas 
am  fras  na's  farsuinge  na  dh'  iarras  tu. 

Bheir  na  searmoin  so  toileachadh  mor 
do  dhaoihe  a  leughas  Gaidhhg  agus  gu 
sonruichte  do  Leodhusaich,  oir  bidh  an 
doigh  labhairt  a  bha  aig  CalUm  MacLeoid 
caomh  d'  an  cluais  ;  blath,  bras,  soisgeulach, 
dtirachdach,  ann  an  cainnt  na  cagailt, 
agus  le  naidheachdan  beaga  laghach  annta 
mar  is  toigh  leis  na  Gaidheil. 


Bha  cuid  de  na  searmoin  air  an  liubhairt 
air  Sabaid  comanachaidh  ;  cuid  dhiubh  air 
an  cur  a  mach  am  Miosachan  Eaglais  na 
h-Alba  ;  cuid  dhiubh  air  an  craobh-sgaoileadh 
air  an  Radio,  no  air  an  liubhairt  air  son 
aobhar  sonraichte,  ach  bha  iad  uile  air 
an  searmonachadh,  uair  no  uair-eigin,  d'  a 
choimhthional  fhein,  agus  tha  iad  air  am 
f^gail  mar  a  labhair  e  iad. 

Bha  uiread  de  dhealas  an  t-soisgeil  'na 
chridhe  fhein  's  gur  ann  ri  cridheachan 
dhaoine  eile  a  bhiodh  e  am  bitheantas  a' 
bruidhinn,  a'  feuchainn  ri  'n  taiseachadh 
agus  faireachduinean  diadhaidh  a  ghluasad 
annta.  Shaoileadh  e  gu'n  robh  searmon  a 
chuimsicheadh  air  an  inntinn  no  air  a' 
choguis  tioram  agus  fuar,  gun  bias  an 
t-soisgeil  air.  Sin  am  facal  mu  dheireadh  as 
cothromaiche  dhuit  a  radh  mu  na  searmoin 
so,  gu  bheil  iad  beothail  agus  blath  agus 
soisgeulach.  Is  fhiach  iad  a  bhi  air  an 
leughadh   am   farsuingeachd. 

Rinn  Comunn  nan  Tractaidhean,  an 
Sruidhla,  a  chuir  a  mach  an  leabhar,  an 
cuid  fhein  de'n  obair  le  grinneas  agus  deagh- 
ghean. 

Eaglais  Mhor  I. 

Rugadh  mi  mar  fhichead  mile  dhi,  ach 
gus  an  uiridh  agus  am  bliadhna  cha  d' 
fhuair  mi  riamh  cothrom  air  mo  bhoidean 
iocadh  do  Dhia  an  taobh  a  stigh  d'  a  ballachan, 
no  mi  fhein  a  bheannachadh  le  ainm  agus 
cuimhne  an  duine  naoimh  a  bheannaich 
an  t-eilean  agus  Albainn  uile  le  urnuighean 


AIG    AN    UINNEIG 


fhein.  Tha  an  Eaglais  Mhor  maiseach, 
agus  ann  an  solus  fann  agus  coibhneil  an 
fheasgair  tha  i  soluimte  le  aois  agus  le 
Dia,  aoh  is  e  crioch  araid  eaglais  aoradh  a 
bhi  air  a  dheanamh  innte  do  Dhia  le  gair- 
deachas  agus  moladh  agus  buidheachas,  a' 
toirt  dha  na  gloire  a  bhuineas  d'  a  ainm, 
agus  gus  an  caill  mise  mo  bhuadhan  agus 
mo  chuimhne  tha  fhios  agam  gu'n  lean 
seirbhisean  aig  an  robh  mi  anns  an  Eaglais 
Mhoir  air  a'  cheud  sheachduinn  an  August 
so  chaidh  air  tighinn  air  ais  chugam  mar  a 
thig  aite  naomh  air  ais  gu  duine  a  dh' 
fhairich  Dia  ann.  Do  na  naoimh  fhein  tha 
mi  'n  duil  nach  'eil  a  h-uile  Sabaid  co-ionann  a 
thaobh  naomhachd,  ach  ciod  air  bith  a 
their  daoine  eile  b'  fhiach  dhomhsa  an 
t-siathamh  la  de  August  a  chomharrachadh 
le   "clach  gheal." 

Chan  aithne  dhomh  inntinn  an  Ollaimh 
MhicLeoid  na's  fhearr  na's  aithne  do  dhaoine 
eUe  i  a  thaobh  nan  nithean  a  tha  aige  'san 
t-sealladh,  ach  ged  bhitheadh  tu  air  leth- 
shiiil,  bhiodh  a  furasda  dhuit  fhaicinn  gu 
bheil  cumhachd  spioradail  ann,  agus  tarruing 
aige  air  daoine  oga  nach  'eil  aig  niinistearan 
eile.  A  h-uile  maduinn  aig  ochd  uairean 
gheibheadh  tu  mu  cheithir  fichead  de 
dhaoine  oga  (abair  o  sheachd  deug  gu  coig 
bliadhna  fichead  agus  os  a  chionn,  gillean 
agus  nigheanan)  anns  an  eaglais  ag  urnuigh, 
m'an  toisicheadh  iad  air  obair  an  la,  agus 
aig  naoi  uairean  'san  fheasgar  aireamh  a 
bu  mhotha,  an  deidh  dhaibh  an  obair  no  an 
cluicheachd  a   chriochnachadh.      Duine  air 


bith  aig  a  bheil  ealain  air  oigridh  a  cheangal 
ri  aoradh  Dhe  agus  ri  eaglais  Dhe,  thoir 
do  bheannachd  dha. 

Cha  robh  ann  ach  tuiteamas  ach  chuala 
mi  ceithir  no  coig  de  na  saUm  agus  na 
laoidhean  as  docha  leam  air  an  seinn  anns 
an  aon  •  t-seachduinn,  agus  Ballerina  da 
uair.  Di-domhnaich,  bha  maighstir-sgoU  a 
Glaschu  'n  a  phrecentor.  Bheireadh  e  ceol 
a  daoine  nach  robh  ceol  annta  leis  mar  a 
bha  a  chridhe  .fhein  anns  an  t-seinn.  'S 
e  a'  cheud  duine  a  chunnaic  mi  riamh  'na 
fhallus  a'  moladh  an  Tighearna  as  a  leine, 
agus  crios  m'a  mheadhon.  Theoigh  mo 
chridhe  ris  an  duine. 

Bha  Cuideachd  I  a'  cairtearachd  fiodha 
air  an  t-seachduin  ud,  luach  mile  not  a 
chuir  New  Zealand  gu  Deorsa  MacLeoid 
mar  thabhartas,  agus  a  leigeadh  fhaicinn  an 
gean-maith  agus  an  iiidh  a  tha  aca  'n  a 
obair,  ag  ath-thogail  Eaglais  Mh6r  I.  Chuir 
Lochlann  fiodh  chuige  cuideachd,  agus  tha 
Canada  a'  dol  'ga  chur. 

Tha  e  a'  faotainn  misneach  agus  fabhar 
agus  cuideachadh  o  uiread  dhaoine  agus 
o  uiread  chearnan  de'n  t-saoghal  's  gu'n 
saoil  thu  gu  bheil  thu  a'  leughadh  ann  an 
leabhar  Isaiah,  "  Togaidh  mic  a'  choigrich 
suas  do  bhallachan  agus  frithealaidh  iad 
dhuit ;  thig  gldir  Lebanoin  a  V  ionnsuidh, 
an  giuthas,  an  gall-ghiuthas,  agus  an  crann- 
bocsa  le  cheile  a  chur  maise  air  mo  naomh- 
ionad-sa,  agus  a  chum  gu'n  gldraichinn  aite 
mo  chas." 


Marcaiche  an  Eich  Ghil 

{Taisbeanadh    Edin  ;     Caib.   VI) 

Ciod  iad  an  smuain  na  fir  bhriiit  'n  icois  na      Na    fir-oga    bu    laidir',    na    braighdean    bu 

slighe  ?  trailleil, 

Nuair    a    mharcaicheas,   Moloch    a    thogail      Na  gaisgich  's  an  ar  a  bha  daicheil  is  treun 

Thainig  geilt  air  an  aghaidh  is  gheill  iad 
'na  lathair — 


na  CIS  ; 

E    crathadh   nan   srian    's    cas   nan   steud- 
each  'g  an  nighe 

Am  fuil  nam  fear  gaisgeil  nach  marcaich  a  ris. 

Mharcaich  sibh  uile  aig  briseadh  na  f aire 
Thar  chriochan,  thar  bhailtean,  thar  chorp 
a  tha  breun 

Ach  'n  do  thachair  sibh  f atha  st  air  marcaich ' 
's  each  geal  aig 

'Se  gun  trocair  ag  agairt  a  choraichean  fein  ? 


"  0   dion   o'n   Each-Bhan   sinn    's   am   Bas 
ruith  'na  cheum." 

Co  dh'  fhag  sinn  'n  so  breoite  an  dorainn  ar 

creuchdan 
Beum  coran  a'  mharcaich  ri  fhaicinn  'n  ar 

ere  ? 
CIOD    DHUINNE    GED    DH'    AITHRIS- 

EADH  CACH  AR  CUID  EUCHDAN— 
'S  ar  mnathan  's  ar  leannain  's  fear  brist' 

aig  gach  te. 


An  t-Urr  Cailein  MacCoinriich,  Homor,  Uidhist  a  Deas. 


Latha-Cuimhne  Chaluim-Cille 
ann  an  Ceann-a-deas  Chinn-tire 


Stiil  air  ais 

Leis  an  Urr.  Alasdair  MacFhionghuin,  Ph.D. 

Chaidh  mi  air  chuairt  do  Chinn-tir',   's  bix 

mhor  an  toil-inntinn  mo  shiubha], 
O  dh'  fhag  mi  Glaschu  na  smiiid,   giis  d' 

rainig  mi  miiirn  mo  chinn-uidhe, 
Sealladh   ciatacii  do'n  t-siiil,  ag  athrachadli 

tirail  gach  mionaid 
Air  cuan,  air  adhar,  's  air  tir,   's  am  bata 

a'  sniomh  air  an  linne. 

Is  briagha  Nadur  's  e  sgaoilt  an  laimiireachd 

chaomhail  an  t-soluis. 
Nach  marbh  an  cridhe  nach  danns  ri  maise 

nam  beann  anns  an  astar, 
Ri  oiteagan  fionnar  a'  chuain  a'  mireadh  ri 

gruaidhean  is  dosan, 
Ri  coilltean  is  doireachan  doreh'  is  trendan 

soirbh   air  a'   mhachair ! 

Ach  thoir  dhomhs'  aig  deireadh  mo  chuairt 

cridheachan  suairc  aig  a'  chagailt, 
Le   fiamli   a'    chaoimhneis    'n   an   gniiis,   is 

cuineadh  deagh-dhiirachd  'n  am  bruidh- 

inn, 
Cuimhneachain    aoibhneis    is    broin,    'g    an 

aithris  am  boichead  a'  mhaitheis, 
Fonn  cloinne  is  oghachan  niaoth,  a'  cumail 

nan  aosd  ann  an  uidheam. 

Air  an  Domhnach  an  Eaglais  na  Sgir,  tlia 

eomh-thional  lionmhor  r'  a  fhaotainn, 
Bu  mhaith  a  bhi  'cluinntinn  an  ciuil,  is  a' 

faireachadh  diirachd  an  aoraidh, 
A'   togail   nan   salm   is    nan   laoidh,    is   ag 

eisdeachd  ri  siiim  an  teachdair', 
Ag  urachadh  creidimh.  is  graidh  fo  dhriighadh 

nan  grasan  meachair. 

An  lath  ud,  bha  cnimhn'  as  in-,   'ga  togail 

air  cliu  Chahiim-Cille, 
Oho  maith  's  air  a  chompanaich  dhliith,  a 

chuidich  a  chiirsa  gun  tilleadh,, 
Air  an  eud,   an  dilseachd,    's   an  luth,   an 

aobhar  iilil  na  slighe 
Do    thuath    bha    'siubhal    's    an    dorch,    is 

comhstri  bhorb  'gam  milleadh. 

Beannachd  air  Calum  nam  Buadh,  a  shoillsich 

ar  sluagh  leis  an  Fhacal, 
'S  a  dh'  fhosgail  tobair  's  na  glinn  's  am 

faighear  iocshlaint  do  dh'  aiceid  ; 
Is  beannachd  air  Aonghas  Ruadh  a  chuir  - 

ainm-san  suas  mar  bhrataich, 
A  ghleidheadh  cuimhne  bhuan  air  a  sheirbhis 

uasarl,  bheartaich ! 


Aireamh  ii 


1950 


Amhghar  is  Cuideachadh 

Na  bi-sa  fada  uani,  oir  iha  arnhghar  amfagus,  oir  chan  'eil  neach  ann  a  chuidicheas." 

— Salm  xxii.  11. 


THA  e  air  a  radh  gur  e  Daibhidh  a  sgriobh 
an  t-salm  so,  ach  an  uair  a  leughar  i  gu 
ctiramach  chithear  gu  bheil  tomhas  fulangais 
innte  air  nach  robh  fiosrachadh  pearsanta  aig 
Daibhidh  riamh.  Cha  d'  fhnihng  esan  no  aon 
de  naoimh  an  t-seann  Tiomnaidh  an  deich- 
eamh  cuid  de  'n  amhghar  air  am  bheil  an 
t-sahn  so  a'  labhairt,  air  chor  agus  gu  bheil  a' 
cheist  ag  eirigh, — cia  mar  a  b'  urrainn  do 
Dhaibhidh  labhairt  mar  gu'm  biodh  a 
chridhe  is  fheoil  fein  a'  fulang  nan  nithean  a 
tha  e  ag  ainmeachadh.  Is  e  an  fhreagairt 
gu'n  do  labhair  an  salmadair  ann  an  spiorad 
na  faistueachd  agus  fo  sheoladh  an  spioraid 
Naoimh  mu'n  Mhesiah  a  bba  ri  teachd,  agus 
gur  e  so  aon  de  na  sgriobtuirean  anns  am 
bheil  naoimh  an  t-seann  Tiomnaidh  a' 
deanamh  fianuis  roimhlaimh  air  fulangais 
Chriosd,  agus  air  a'  ghloir  a  bha  gu  an 
leantuinn.  Chan  e  salm  le  Daibhidh  a  bu 
choir  dhuinn  a  radh  rithe  ach  salm  le  Criosd, 
oir  cha  robh  i  air  a  coimhlionadh  gus  an 
robh  esan  air  a  shineadh  air  a'  chrann- 
cheusaidh,  agus  an  d'  uisnich  e  i  gu  bhi  cur 
an  ceill  faireachduinn  fbeola  agus  saothair 
'anama. 

Tha  i  a'  toiseachadh  leis  na  briathran, 
"  Mo  Dhia,  mo  Dhia,  c'ar  son  a  threig  thu 
mi  ?  "  na  briathran  a  labhair  e  an  uair  a 
thuit  dorchadas  Chalbhari  air,  agus  anns 
na  rannan  a  leanas  tha  sealladh  air  a  thoirt 
dhuinn  roimhlaimh  air  nithean  a  bha  gu 
tachairt,— 

Is  masladh  dhaoine  mise,  agus  tair  an  t-sluaigh, 
Ni  iadsan  uile  a  chi  mi  gaire-fanoid  rium  ; 
Fosglaidh  iad  gu  farsuinn  am  bilean,  crathaigh 

lad  an  ceann,  ag  radh, 
Chuir  e  a  dhoigh  ann  an  lehobhah,  saoradh  e  e  ; 
Teasairgeadh  e  e,  a  chionn  gu  bheil  tlachd  aige  ann. 

Dh'iadh  coimhthional  dhroch  dhaoine  umam  : 
Lot  iad  mo  lamhan  agus  mo  chasan 
Roinn  iad  mo  thrusgan  eatorra, 
Agus  air  m'eideadh  thilg  iad  croinn. 

Ach  tha  aon  ni  gu  sonraichte  air  am  bheil 
an  t-salm  so  a'  tighinn  thairis,  agus  is  e  sin, 
onrachdas  Chriosd  am  measg  nan  daoine  a 
bha  'n  an  shil-fhianuisean  air  a'  bhas.  Tha 
sin  r'a  fhaicinn  ann  an  iomadh  facal  ,a  tha 


air  a  chur  sios  innte,  ach  tha  e  r'a  fhaicinn  gu 
soilleir  agus  gu  drtiidhteach  anns  na  briath- 
ran, "  Na  bi-sa  fad  uam,  oir  tha  amhghar 
am  fagus,  oir  chan  'eil  neach  ann  a  chuidich- 
eas." Rud  iongantach  da  ru-eadh,  agus 
rud  bronach,  gu'm  biodh  esan  a  bha  cho 
Ian  de  chaomhalachd  e  fein,  agus  a  thug 
seachad  do  dhaoine  eile  cho  pailt, — ^gu'm 
biodh  e  as  eugmhais  co-fhaireachduinn  a 
bhraithrean  ann  an  am  fheuma.  Ach  b' 
fhior  a  labhair  am  faidh  an  uair  a  thubhairt  e, 
"  Shaltair  mi  an  t-aniar  a'm'  aonar  agus 
de  na  sloigh  cha  robh  aon  neach  maille 
rium."  Coltach  ris  gach  neach  nach  liib 
a  ghlun  do  spiorad  no  do  chleachdanna  an 
t-saoghail  bha  Criosd  onrachdach  'na  bheatha, 
ach  bha  e  gu  sonraichte  onrachdach  'na 
bhas,  oir  dh'  fhiosraich  e  amhgar  nach 
gabhadh  innseadh,  agus  amhghar  nach 
tuigeadh  na  daoine  a  bha  mu'n  cuairt  air 
aig  Calbhari  an  la  ud,  ged  dh'  innseadh  e  e. 

Ann  an  seadh  fior  tha  daoine  daonnan 
onrachdach  ann  an  la  na  trioblaid.  Gun 
teagamh  is  maith  do  dhuine  cairdean  caomhail 
a  bhi  dliith  dha  an  uair  a  thig  amhghar 
thuige,  agus  is  priseil  do'n  chridhe  leonta 
co-fhaireachduinn  blath  fhaotainn,  ach  aig 
a'  cheart  am  tha  e  fior  nach  urrainn  eadhon 
na  cairdean  as  dilse  ach  fior  bheagan  d'a 
eallach  a  ghiiilan.  Faodaidh  iad  dol  leis 
ceum  no  dha  de'n  t-slighe  ach  chan  urrainn 
daibh  dol  na's  fhaide,  agus  feumaidh  e 
an  corr  a  choiseachd  'na  aonar,  a'  stitiradh 
a  chursa  le  sholus  fein  a  mhain.  "  Is  aithne 
do'n  chridhe  a  shear  bhas  fein  ;  agus  'na 
-aoibhneas  cha  bhi  comh-roinn  aig  coig- 
reach."  Ma  tha  so  fior  mu  bhron  cumanta, 
mu  amhghar  is  trioblaidean  a  tha  coitchionn 
is  do-sheachainte,  nach  motha  gu  mor  a  tha 
e  fior  mu'n  bhron  anama  a  dh'  f hulling 
Criosd  air  Calbhari,  am  fulangas  diomhair 
sin  leis  an  do  choisinn  e  saorsa  do'n  t-saoghal, 
agus  a  tha  dol  os  cionn  ar  n-eolais. 

An  uair  a  dh'  fheuchas  duine  ri  dol  a 
steach  ann  am  faireachduinnean  an  t- 
Slanuigheir  air  a'  chrann-cheusaidh,  an  uair 
a  dh'  fheuchas  e  ri  saothair  'anama  a 
thuigsinn,  tha  e  'ga  chall  fein.  Chi  e  airde  is 
lend  is  doimhneachd  nach  gabh  rannsachadh 


AMHGHAR    IS    CUIDEACHADH 


no  tomhas.  Tha  e  mar  gu'm  biodh  paisde 
beag  ri  aghaidh  diomhaireachd  nach  urraiBn 
e  a  thuigsinn.  An  uair  a  thig  am  bas  a 
steach  do  theaghlach,  anns  am  bheil  clann 
6g,  chithear  na  paisdean  a'  sealltuinn  suas 
ann  an  aodann  bronach  is  suilean  deurach 
chaich,  mar  gu'm  biodh  iad  a'  feuchainn  ri 
thuigsinn  ciod  a  tha  cearr.  Tha  fhios  aca 
gu  bheil  nithean  mora  air  chor-eigin  a' 
tachairt  a  tha  iongantach  dhaibhsan,  ach 
chan  urrainn  d'  an  inntinnean  beaga  a 
ghabhail  a  steach  ;  tha  iad  a'  beantail  ri 
iomall  broin  a  tha  os  cionn  an  tuigse.  Is  ann 
mar  so  a  tha  sinn  uile  a  thaobh  fulangais  an 
t-Slanuigheir  air  Calbhari  ;  ann  an  onrachdas 
a  bhroin-san  chan  urrainn  sinn  comh-roinn  a 
bhi  againn,  ach  is  urrainn  sinn  ar  gltm  a 
lubadh  'na  lathair  le  urram  agus  eagal  dia- 
dhaidh,  a'  beannachadh  ainme  ar  Dia  agus 
ar  Tighearna  a  ghradhaich  sinn  eadhon  gu 
bas.  "  An  neo-ni  e  dhuibhse,  o  sibhse  uile  a 
tha  gabhail  seachad ;  amhaircibh,  agus 
faicibh  am  bheil  doilgheas  sam  bith  cosmhuil 
ri  mo  dhoilgheas-sa  a  thugadh  orm  ?  " 

Do  bhrigh  gu'm  b'  aithne  do  losa  ann  an 
laithean  fheola  onrachdas  na  h-amhghair 
agus  mar  an  ceudna  onrachdas  a'  bhais  tha 
e  comasach  air  cuideachadh  a  thoirt  a  nis 
dhaibh-san  uile  aig  nach  'eil  neach  eile  a 
chuidicheas  iad,  ma  ghlaodhas  iad  ris  agus 
ma  dh'  eireas  an  tirnuigh  suas,  "  Na  bi-sa 


fad  uam,  oir  tha  amhghar  am  fagus." 
"  B'eigin  da  anns  na  h-uile  nithean  a  bhi 
air  a  dheanamh  cosmhuil  r'a  bhraithrean, 
a  chum  gu'm  bitheadh  e  'na  ard-shagart 
trocaireach  agus  dileas  ami  an  nithean  a 
thaobh  Dhe  ;  oir  a  mheud  's  gu'n  d'  fhuiling 
e  fein,  air  bhi  air  a  bhuaireadh,  tha  e  coma- 
sach air  cabhair  a  dheanamh  orrasan  a  tha 
air  am  buaireadh." 

Is  e  uair  na  h-airce  an  uair  anns  am  foill- 
sich  ar  n-Athair  neamhaidh  a  ghras  am 
pailteas,  oir  cha  tuig  duine  a  chomhfhurtachd 
a  tha  ann  an  Dia  gus  an  cuir  e  deuchainn 
air  agus  an  gabh  e  fasgadh  fo  a  sgiathan. 
Cha  do  ghlaodh  duine  riamh  air  Dia  an 
diomhanas  ;  ma  their  sinne  gu  dtirachdach 
agus  gu  creidmheach,  Na  bi-sa  fad  uainn, 
a  Thighearna,  thig  an  Tighearna  da  rireadh 
d'  ar  n-ionnsuidh,  a  dh'  athbheothachadh 
ar  n-anama  agus  a  leigheas  leon  ar  cridhe. 
Agus  chan  e  mhain  gu'n  tig  e  d'  ar  n-ionnsuidh 
ach  fanaidh  e  maille  ruinn. 

0  dhdchais  Israeli,  a  Shlanuighear  ri  am 
teanntachd,  c'  uim  am  bitheadh  tu  mar  fhear- 
cuairt  anns  an  tir  ?  Agus  mar  fhear-turuis  a 
thionndaidheas  a  leth-taobh  gu  fuireach  car 
oidhche  ?  C'uim  am  bitheadh  tu  mar  ghais- 
geach  aig  nach  'eil  cumhachd  gu  tearnadh. 
Gidheadh  tha  thusa,  0  lehobhah,  'n  ar 
meadhon,  agus  ort-sa  tha  sinn  air  ar  n 
ainmeachadh  ;   na  dean  ar  treigsinn. 


Fireantachd  Gun  Ghradh 


GED  nach  'eil  i  beo  an  diugh  saoilidh  mi 
air  uairean  gu  bheil  mi  a'  cluinntinn  a 
guth  fhathast,  guth  anns  an  robh  ciuine  agus 
gliocas  agus  abhacas  nach  cluinnear  ach  ann- 
amh  ami  an  guth  nam  mnathan  nodha  anns 
na  laithean  so.  Bha  i  suas  ri  ceithir  fichead 
'nuair  a  shiubhail  i,  ach  cha  do  chriochnaich  i 
riamh  na  duUleagan  a  thoisich  i  air  a  sgrio- 
bhadh  air  m'  iarrtus  fhein,  anns  an  robh  i  a' 
dol  a  dh'  innseadh  mu  laithean  a  h-6ige  agus 
an  doigh  anns  an  robh  i  air  a  togail.  An 
deidh  a  bais  thug  a  h-ogha  dhomhsa  na  duille- 
agan  a  dh'  fhag  i  anns  an  dasc,  is  theagamh 
gu'm  bu  mhaith  le  luchd-leughaidh  ah  lea- 
bhair  so  cuid  dhiubh  fhaicinn. 


na  daoine  o'n  tainig  iad,  agus  air  an  doigh 
anns  an  robh  mi  air  mo  thogail.  Tha  mi 
mar  gu'm  biodh  seana  long  a  tha  a'  tarruing 
dluth  do'n  chaladh  dheireannach  ;  toilichte 
agus  taingeil  do  Dhia  gu  bheil  mo  thurus  a' 
criochnachadh  gu  foisneachail  ann  an  sith. 


Luchd-loingeis  theid  air  muir,  's  a  bhios 
ri  gniomh  an  uisgibh  buan  ; 

Dhaibh  sud  is  leir  mor-oibre  Dhe, 
'S  a  mhiorbhuilean  's  a'  chuan. 

An  sin  tha  iad  ro  ait,  air  son 

gu  bheil  iad  samhach  bed, 
'S  gu'n  d'  thug  e  iad  do'n  chaladh  sin, 

's  do'n  phort  bu  mhiannach  le6. 


"Is  e  an  diugh  co-ainm  an  la  air  an  do 
rugadh  mi  o  chionn  seachd  deug  is  tri  fichead 
bliadhna,  ach  ged  nach  'eil  dull  no  dochas 
agam  gu'n  criochnaich  mi  an  obair  air  a  bheil 
mi  a'  toiseachadh,  bu  mhaith  leam,  cho  fad  's 
a  tha  mo  chuimhne  agus  mo  leir  sinn  agam, 
cunntas  a  thoirt  d'  am  oghachan  air  cuid  de 


Ann  am  sheann  aois  tha  m'  inntinn  a'  dol 
air  ais  gu  trie  gu  laithean  mo  leanabachd  agus 
m'  oige  ;  tha  na  daoine  a  b'  aithne  dhomh 
agiis  na  nithean  a  chunnaic  mi  'n  uair  a  bha 
mi  'n  am  chaileig  na's  hire  dhomh  na  na 
daoine  agus  na  nithean  a  thachair  rium  an 
de  ;  chan  'eil  ann  an  tri  trianan  d'  am  bheatha 
an  diugh  ach  cuimhneachain  agus  ionndrainn. 


FIREANTACHD   GUN   GHRADH 


Rugadh  mi  ann  an  Calcutta,  far  an  robh 
m'  athair  ann  an  seirbhis  a  Chruin.  Bha 
tarruing  aig  na  h-Innsibh  an  Ear  air  an 
teaghlach  againne  riamh.  Bha  dithis  de 
bhraitlirean  mo  sheanar  agus  triiiir  de 
bhraithrean  m'  athar  ann  an  seirbhis  a' 
Chriiin  anns  na  h-Innsibh,  a  thuilleadh  air 
daimhich  eile  a  bha  ri  marsantachd  ann. 
Bha  dithis  d'  am  mhic  fhein  ann  agus  dithis 
oghachan,  is  tha  mi  an  dochas  gu'n  teid 
na  h-iar-oghachan  ann  cuideachd,  oir  tha 
obair  ri  dheanamh  anns  na  h-Innsibh  an 
Ear  as  fhiach  do  dhaoine  fearail  lamh  a 
chur  innte.  Cha  chuala  mi  gu'n  do  thog 
duine  a  bhuineadh  dhomh  a  lamh  no  a 
chag  ri  Innseanach  riamh ;  bha  iad  cho 
caomhail  agus  cho  baigheil  riu  's  a  bha  iad  ri 
muinntir  an  diithcha  fein  ;  buidheachas  do 
Dhia  air  a  shon  sin. 

Chuir  m'  athair  agus  mo  mhathair  dhach- 
aidh  mi  gu  m'  sheanmhair,  air  chiiram 
banaltruim  dhubh,  an  uair  a  bha  mi  se 
bliadhna  a  dh'  aois,  agus  is  e  a'  chuimhne 
as  maireannaiche  a  tha  agam  air  laithean 
mo  leanabachd  anns  na  h-Innsibh,  aileadh 
na  diithcha  agus  nan  daoine  ;  aileadh  nan 
craobh ;  aileadh  a'  bhidh ;  aileadh  a' 
mhargaidh,  aileadh  na  gaoithe  agus  na 
talmhainn.  Tha  bocsa  beag  agam  de  fhiodh 
sandal,  anns  am  bi  mi  a'  gleidheadh  shnath- 
adan,  is  mheuran,  is  treathlaich  eile  de 
'n  t-seorsa  sin ;  chan  'eil  agam  ach  am 
bocsa  fhosgladh,  is  aileadh  am  fhiodha 
fhaotainn,  is  anns  a'  mhionaid  tha  mi  air 
m'  ais  anns  na  h-Innsibh  an  Ear.  Mar  so 
tha  mi  an  diiil  nach  'eil  aon  idir  de  bhuadhan 
mhic  an  duine  as  hiaithe  a  dhiiisgeas  cuimh- 
neachain  'n  a  inntinn  na  aileadh.  Bheir  do 
shron  a  dh'  Astralia  no  do  lapan  thu  na's 
luaithe  na  do  shuU  no  t'  inntinn. 

Chan  'eil  a  bheag  de  chuirhhne  agam  air 
m'  athair  no  air  mo  mhathair  anns  na  h- 
Innsibh  ;  is  e  a'  chuimhne  a  tha  agam  air  mo 
mhathair  gu  robh  a  craicionn  cho  min  ri 
sioda,  agus  gu'm  bithinn  a'  faireachduinn 
gu  robh  a  pogan  blath  mar  gu'm  bithinn  a 
dol  a  chadal  ann  an  neamh.  Bha  gaol  agam 
air  mo  mhathair,  ach  chan  'eil  cuimhne 
agam  an  robh  gaol  agam  air  m'  athair  anns 
na  laithean  ud  no  nach  robh.  An  uair  a 
thainig  mi  gu  ire  agus  a  b'  aithne  dhomh 
e  na  b'  fhearr  bha  gaol  agus  meas  agam  air 
nach  robh  agam  air  neach  eile  anns  an 
t-saoghal  ach  a  mhain  Bocoota,  a'  bhanal- 
trum  dhubh  a  thainig  dhachaidh  leam  a 
Calcutta.  Cha  robh  i  beo  ach  bliadhna 
ann  an  tigh  mo  sheanmhar,  ach  chan  'eil 
fhios  agam  an  e  mo  sheanmhair  no  sid 
fhuar  fhliuch  na  h-Alba  a  thug  oirre  sioladh 
a  mach  as  an  t-saoghal  so.     Co  dhiu  theab 


mo  chridhe  briseadh  an  la  a  shiubhail  i,  is 
tha  cruimhne  agam  gu'n  deachaidh  mi  a 
steach  leam  fhein  do'n  t-seomar  anns  an 
robh  i  'n  a  laighe  marbh,  a  chur  mo  thean- 
gaidh  a  mach  ris  a'  Bhas. 

Bha  eagal  agam  roimh  m'  sheanmhair 
nach  robh  agam  roimh  Dhia,  no  roimh  neach 
air  bith  eile  a  thachair  orm  riamh,  agus 
gus  an  la  diugh  chan  'eil  uair  a  chi  mi  beinn 
ard  agus  sneaehd  air  a  mullach  nach  cuimh- 
nich  mi  air  mo  sheanmhair.  Bha  fait  liath 
oirre  agus  e  anabarrach  tiugh  ;  bha  i  ard 
caol ;  chan  fhaca  mi  riamh  i  a'  gaireachduinn, 
is  bha  a  coslas  cho  gruamach  's  gur  ann 
air  aodann  mo  sheanmhar  a  bhithinn  a' 
smuaineachadh  an  uair  a  bhithinn  a'  leughadh 
anns  a'  Bhiobull  mu'n  deataich  a  chunnacas 
air    sliabh    Shinai. 

Theagamh  gu  robh  gaol  aice  orm,  ach  ma 
bha,  cha  do  nochd  i  sin  dhomh  ;  cha  d' 
fheuch  i  riamh  ri  m'  thaladh,  no  ri  m' 
chniodachadh,  no  ri  pog  a  thoirt  dhomh, 
agus  na'm  feuchadh  tha  mi  cinnteach  gu'n 
cuireadh  an  aiteamh  barrachd  eagail  orm 
na'n  reodhadh.  Anns  an  oidhche  bhithinn  a' 
smuaineachadh  gu'm  bu  chompanaich  mi 
fhein  agus  Maois,  a  chionn  gu  robh  sinn  le 
cheile  a'  criothnachadh  an  lathair  gruaim 
agus  dorchadas  Shinai,  as  an  robh  aithntean 
air  an  toirt  dhuinn. 

Cha  robh  coire  air  mo  sheanmhair  ach  a 
mhain  nach  robh  innigh  trocair  no  gaoil  innte 
gu  nadurra  ;  am  freumh  beag  de  ghaol  agus 
de  aighear  nadurra  a  bha  innte  'n  a  h-6ige 
bha  e  air  a  spionadh  aisde  le  a  toil  laidir 
fhein  an  uair  a  bha  i  air  a  h-iompachadh, 
agus  a  bha  i  an  duil  gu'n  d'  fhuair  i  "  gras." 
Cha  robh  fhios  agam-sa  ciod  a  bha  anns  a' 
"  ghras  "  air  am  biodh  mo  sheanmhair  a' 
bruidhinn,  is  bha  eagal  orm  fharraid  dhi, 
ach  bha  mi  an  duil  gur  e  rud-eigin  trom  agus 
dubh  a  bha  ann,  a  bhiodh  a'  dol  a  steach 
ann  an  daoine  gun  fhios  dhaibh,  agus  'g 
an  deanamh  cho  muladach  's  nach  b'  urrainh 
dhaibh  dibhearsoin  no  gaire  a  dheanamh 
gu  brath  tuilleadh.  An  uair  a  thoisich  mo 
sheanmhair  air  mo  thoirt  leatha  do'n  tigh- 
choinnimh  anns  na  feasgair,  far  am  biodh 
moran  dhaoine  ag  osnaich,  agus  an  cinn  crom 
is  coslas  bronach  orra,  agus  fear  mu  seach  de 
na  foirbhich  ag  urniugh  ann  an  guth  crith- 
eanach  gu'n  tugadh  Dia  "gras"  do  chuid- 
eigin  anns  a'  choinnimh  bhiodh  eagal  mo 
chridhe  ormsa  gur  ann  orm  fhein  a  thuiteadh 
an  crann,  is  bhithinn  a'  dtisgadh  an  drasd 
's  a  ris  anns  an  oidhche,  agus  a'  seaUtuinn 
orm  fhein  anns  an  sgathan  feuch  an  robh  a 
choslas  air  m'  aodann  gu'n  deachaidh 
"  gras  "  a  steach  annam,  agus  mi  'n  am 
chadal. 


FIREANTACHD   GUN   GHRADH 


Bha  na  smuaintean  sin  leanabail  agus 
gorach,  ach  co  dhiu  bha  iad  agam  'n  am 
phaisde,  is  bha  iad  agam  a  chionn  nach  d' 
fhuair  mi  o  m'  sheanmhair  an  rud  a  bha  mo 
chridhe  ag  iarraidh  agus  ag  ionndrainn, 
companas  agus  gaol.  Bha  mo  chridhe 
6g  ditiid  ag  iarraidh  gaoil  ach  thairg  ise 
"  gras  "  dhomh,  rud  nach  robh  mi  a'  tuigsinn, 
agus  nach  robh  acras  orm  air  a  shon.  Bha 
mi  cho  onrachdach  agus  bha  liiread.  ionn- 
drainn ann  am  chridhe  air  companas  agus 
gaol  's  gu  bheil  crunhne  agam,  mar  gu'm 
b'  ann  an  de  a  thachair  e,  an  solas  a  bheireadh 
e  dliomh  an  uair  a  chuireadh  cat  mor  breac 
a  bha  aig  mo  sheanmhair  bogha  'na  dhruim 
's  a  thogadh  e  'earball,  a'  dol  mu'n  cuairt 
orm  agus  'ga  shuathadh  f hein  ri  m '  chalpanna 
riiisgte.  Bha  a  bhian  cho  min  blSth  's 
gu'n  cuimhnichinn  air  uchd  agus  pogan 
mo  mhathar  a  h-uile  uair  a  shuathadh  an 
cat  e  fhein  ri  m'  aodann  no  ri  m'  chasan. 
Bhithinn  'g  a  thoirt  leam  do'n  leabaidh  gun 
fhios  do  m'  sheanmhair,  is  b'  fhearr  leam 
fada  cian  a  bhi  a'  sliogadh  bian  a'  chait  agus 
a'  cluinntinn  a  chronain  na  bhi  a'  cluinntinn 
nam  bodach  a'  cronan  mu  "  ghras." 

Tha  mi  an  dochas  nach  saoil  gin  d'  am 
theaghlach  a  leughas  so  gu  robh  mo  shean- 
mhair mosach  rium  no  gu'm  bu  bhoirionnach 
i  nach  robh  coibhneil.  Ann  ah  aon  doigh  bha 
i  anabarrach  coibhneil  agus  fialaidh,  is  cha 
chaomhnadh  i  dragh  no  airgiod  a  chosd  ri 
daoine,  chum  a  dleasdanas  fhein  a  dheanamh, 
agus  "  gras  "  a  thoirt  dhaibh-san.  Bheireadh 
i  seachad  Biobuill,  agus  tractaidhean,  agus  a 
h-airgiod,  agus  a  h-iiine,  do  dhaoine  eile, 
gun  an  cosdus  d'a  corp  no  d'a  sporan  a 
chunntas,  ach  cha  b'  urrainn  i  gaol  a  thoirt 
dhaibh,  no  am  blatbs  a  lasas  teine  anns 
a'  chridhe.  Bha  i  cho  onarach  ris  a'  ghrein  ; 
measail  am  fianuis  dhaoine,  agus  measail 
oirrs  fhein  ;  cho  ctiramach  agus  cho  smach- 
(Jall  ann  an  riaghladh  a  beatha  agus  a 
tighe  's  gu  robh  aileadh  a  fireantachd  air 
feadh  an  tighe  na  bu  laidre  na  aileadh  nam 
fluraichean  a  bhiodh.  i  a'  cur  air.  a'  bhord. 
Ach  ged  bha  mo  sheanmhair  cho  maith 
agus  cho  measail  bha  uiread  eagail  agam 
roimhpe  's  a  bhios  aig  seoladairean  roimh 
bheinn-eigh  anns  a'  Chuan  Shiar ;  bha  i 
daonnan  cho  ard  agus  cho  direach  agus  cho 
dleasdanach,  ach  cho  fuar  agus  cho  fada  air 
falbh  bho  dhaome  eile,  agus  bho  ghoraiche 
an  t-saoghaU,  's  gu'm  bithinn  a'  fas  dearg 
anns  an  aodann  gach  uair  a  shealladh  i  orm.- 

Bha  brathair  aice  a  bhiodh  a'  tighinn  a  dh' 
fhuireach  leatha  fad  seachduin  a  h-uile 
bliadhna.  Uncle  Tom,  mar  theireamaid  ris, 
a  bha   'n  a  mharsanta  anns  na  h-Innsibh 


an  Ear,  ach  a  bha  nis  a'  tighinn  beo  air 
'airgiod  ann  an  Glaschu,  leth-sheann  duine 
a  bha  cho  sunndach  laghach  's  gu'm  biodh 
fadachd  orm  gus  an  tigeadh  e.  Bha  diiil 
agam-sa  gu  robh  "  gras  "  aig  a  h-uile  duine 
a  bha  cho  scan  ri  Uncle  Tom,  ach  bha  e 
cho  sunndach  's  gu'n  d'  fharraid  mi  dheth 
aon  la  car  son  nach  robh  esan  cho  maith 
agus  cho  muladach  ri  m'  sheanmhair.  Rixm 
Uncle  Tom  gaire  ;  "  tha  eagal  orm,"  ars 
esan,  "  nach  'eil  annam-sa  ann  an  siiilean 
Celt  (b'e  sin  ainm  a  pheathar)  ach  aithinne 
a  dh'  fheumar  a  spionadh  as  an  teiile,  duine 
gun  ghras."  Cha  robh  fhios  agam  ciod  a 
bha  aithinne  ann  an  teine  a'  ciallachadh,  ach 
bha  mi  toilichte  a  chluinntinn  nach  robh 
"  gras  "  aig  Uncle  Tom.  Tharruing  so  sinn 
na  bu  dluithe  ri  cheile  is  dh'  fhas  mi  fhein 
agus  Uncle  Tom  cho  companta  's  gu  robh  an 
t-seachduin  a  bhiodh  e  comhla  ruinn  mar 
dheo-greine  d'  am  chridhe.  Anns  na  sgeulach- 
danr-uin  a  bhiodh  Uncle  Tom  ag  innseadh 
dhomh,  an  uair  a  gheibheamaid  air  falbh  a 
sealladh  mo  sheanmhar,  bhiodh  e  ag  innseadh 
dhomh  nach  robh  gin  eile  de  theaghlach 
.athar  coltach  ri  Celt,  agus  gur  q Beinn  Everest 
an  t-ainm  a  bhiodh  aca  oirre,  'nuair  a 
bhiodh  e  fhein  agus  iadsan  a  bruidhinn 
uimpe  anns  na  h-Innsibh.  Bha  laithean 
sona  agam  cho  fad  's  a  bha  Uncle  Tom  anns 
an  tigh,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a  dh' 
fhalbhadh  e  bha  mi  ann  an  saoghal  fuar 
agus  ann  an  saoghal  dor  cha  a  ris. 

Tha  mi  an  dochas  nach  saoil  duine  air  bith 
d'  am  theaghlach  a  leughas  so  gu  bheil  mi 
a'  cur  sios  air  mo  sheanmhair,  no  gu  robh 
mi  eas-umhail  dhi,  no  neo-thaingeil  air  son  na 
rinn  i  air  mo  shon.  Chan  'eil  idir  ;  thug  mo 
sheanmhair  dhomh  gu  fialaidh  agus  gu  saor 
gach  tiodhlac  a  dheanadh  paisde  sona  ach  a 
mhain  gradh,  ach  b'e  an  t-aobhar  nach  d' 
thug  i  dhomh  an  tiodhlac  sin  nach  robh  e  aice 
fhein.  Agus  is  e  an  t-aobhar  gu  bheil  mi  ag 
innseadh  uimpe  an  dr^sd  gu'm  bu  mhaith 
leam  gu'm  foghlumadh  sibhse,  mo  chlann 
agus  m'  oghachan,  o  m'  fhiosrachadh-sa 
ann  an  laithean  m'  oige,  nach  urrainn  duine 
aig  nach  'eil  cridhe  gaolach  gras  a  thoirt 
do  neach  eUe,  no  a  tharruing  aon  cheum 
na's  dluithe  do  rioghachd  Dhe.  Sin  an 
t-aobhar  gur  e  mathraichean  gaolach  na 
soisgeulaichean  as  fhearr  air  an  t-saoghal, 
na  comh-oibrichean  maille  ri  Dia  as  cumhach- 
daiche  air  an  t-saoghal,  agus  an  t-aobhar 
cuideachd  nach  'eil  toradh  spioradail  idir 
a'  leantuinn  obair  iomadh  ministeir  aig 
a  bheil  talantan  ris  a  bheU  farmad  aig  a 
bhraithrean  ach  aig  nach  'eil  cridhe  gaolach. 


FIREAKTACHD    GUN   CHRADH 


Ged  labhrainn  le  teangaibh  dhaoine  agus 
aingeal,  agus  gun  ghradh  agam,  tha  mi  am 
umha  a  ni  fuaim,  no  am  chiomhal  a  ni  glean- 
garsaich. 

Agus  ged  chaitkinn  mo  mhaoin  uile  chum  na 
bochdan  a  hheathachadh,  agus  gun  ghradh 
agam,  chan  'eil  tairbhe  sam  bith  dhomh  ann. 


Ma's  fdidheadaireachd,  cuirear  air  chid  i  ; 
ma's  teangaidhean,  sguiridh  iad  ;  ma's  edlas 
cuirear  air  chill  e  ;  ach  chan  fhdilnich  an 
grddh  a  chaoidh. 

Is  e,  na  tri  nithean  a  mhaireas,  creideamh, 
ddchas,  grddh,  ach  is  a  an  grddh  as  mo  de'n 
tri  so. 


Sgeul  iongantach  o'n  chuan 


THA  ioniadh  rud  a'  tachairt  amis  an  t-saoghal 
so  nach  'eil  daoine  a'  tuigsinn,  nithean  a 
tha  OS  cionn  ar  n-eolais  agus  ar  fiosrachaidh. 
Ach  ged  nach  'eil  e  furasda  dhuinn  a  thuigsinn 
cia  mar  a  tha  iad  a'  tachairt  chan  'eil  sin  a' 
ciallachadh  nach  'eil  iad  fior.  Bheireadh 
fianu.isean  creideasach  am  facal  gu  bheil  an 
naidheachd    so    fior. 

Sheol  Iain  Camshron  (cha  b'e  sin  'ainm 
idir,  oir  cha  bu  mhaith  leis  a  chluinntinn 
gu  robh  'ainm  air  ainmeachadh  air  an 
duilleig  so)  'n  a  Mheat  air  bare  mor  breagh 
a  dh'  fhag  Glaschu  a  dhol  do  Bhrunsuig 
Ur  air  taobh  thall  na  h-Atlantic,  ann  an 
toiseach  an  t-samhraidh  o  chionn  beagan 
bhliadhnachan. 

An  uair  a  bha  i  dlixth  air  oitirean  Neivfound- 
land  bha  an  sgiobair  agus  am  meat  shuas 
air  an  drochaid,  a'  gabhail  na  greine  aig  da 
uair  dheug  mar  a  b'  abhaist,  los  a  dheanamh 
a  mach  c'  aite  an  robh  iad.  An  deidh  dhaibh 
a'  ghrian  a  ghabhail,  chaidh  iad  sios,  gach 
fear  d'a  sheomar  fein,  a  dh'  oibarachadh  air  an 
cairtean-seolaidh,  feuch  an  robh  iad  a 
cordadh  ri  cheile  a  thobh  an  aite  anns  an 
robh  am  bata. 

An  uair  a  bha  am  meat  uUamh,  chaidh  e  a 
steach  do  sheomar  ah  sgiobair  a  leigeil 
fhaicinn  dha  c'  aite  an  robh  e  an  duil  a  bha 
an  soitheach.  Bha  an  sgiobair  (a  reir  choslais) 
'n  a  shuidhe  aig  an  dasc,  a'  sgriobhadh  air 
sgleat  ;  agus  gun  uiread  agus  sealltuinn 
air,  no  a  shuil  a  thogail  bharr  na  cairt- 
sheolaidh  a  bha  'n  a  laimh  fhein,  dh'  fhaigh- 
nicham  meat  dheth  c'  aite  an  robh  e  an 
dtiil  a  bha  iad.  An  uair  nach  do  fhreagair 
an  sgiobair  chaidh  am  meat  na  bu  dliiithe 
dha  is  dh'  fhaighnich  e  a'  cheart  cheist 
a  ris.  An  dara  uair  cha  do  fhreagair  an 
duine  a  bha  aig  an  dasc,  ach  thionndaidh 
e  a  cheann,  agus  anns  an  tionndadh  sin, 
chunnaic  am  meat  nach  e  an  sgiobair  a  bha 
ann  idir,  ach  duine  nach  fhaca  e  riamh  roimh. 
Ged  nach  bu  ghealtair  am  meat  chuir  rud- 
eigin  a  bha  ann  an  coslas  agus  ann  an  aodann 
an  duine  fiamh  air,  agus  gun  uiread  agus  a 
lethsgeui  a  ghabhail,  no  facal  siobhalta  air 
chor-eigin  a  radh  ris  an  fhear  nach  robh  e  ag 


aithneachadh,  leum  e  a  mach  as  an  t-seomar 
is  ruith  e  suas  an  staidhir  gu  drochaid  na 
luinge.  An  uair  a  rainig  e  an  drochaid  bha 
an  sgiobair  a'  sraideamachd  oirre,  mar  nach 
robh  dad  cearr  air,  no  ciaram  air  mu  chursa 
an  t-soithich,  ach  leis  gu  robh  anail  a'  mheat 
'n  a  uchd,  dh'fharraid  an  sgiobair  dheth  an 
robh  dad  cearr  air. 

X  "  Co,"  ars  am  meat,  "  a  tha  'n  a  shuidhe 
aig  an  dasc  agaibh  'n  'ur  seomar  ?  " 

"  Chan  aithne  dhomhsa,"  ars  an  sgiobau", 
"  gu  bheil  duine  air  bith  'n  am  sheomar  ; 
ciod  a  tha  thu  a'  ciallachadh  ?  " 

Dh'  innis  am  meat  dha  mu'n  choigreach 
a  chunnaic  e  'n  a  shuidhe  aig  an  dasc,  ach  is 
ann  a  thoisich  an  sgiobair  air  tarruing  as,  ag 
radh  gu  robh  a  shtiilean  'g  a  mhealladh,  no 
gu  robh  e  'n  a  leth-chadal  agus  a'  bruadar,  no 
gur  e  an  stiiibhard  a  chunnaic  e  aig  an  dasc 
agus  nach  d'  aithnich  e  e." 

"  Abraibh-se  ar  roghainn,"  ars  am  meat, 
"  ach  chan  e  an  stiiibhard,  no  duine  eile  a 
bhuineas  do'n  bhata  so  a  chunnaic  mise  'n  a 
shuidhe  aig  an  dasc,  ach  coigreach  nach  fhaca 
mi  rianxh  ;  chunnaic  mi  e  cho  soilleir  's  a  tha 
mi  'g  'ur  faicinn-se  an  dearbh  mhionaid  so, 
agus  e  a'  sgriobhadh  air  an  sgleat  agaibh." 

"  Theid  sinn  sios  le  cheile,"  ars  an  sgiobair, 
"agus  chi  mi  le  mo  shuilean  fein  an  aig 
coigreach  so !  '■' 

Ach  an  uair  a  dh'  fhosgail  iad  an  dorus  cha 
robh  duine  ann  an  seomar  an  sgiobair  ;  bha 
e  falamh. 

"  Cha  ruigeamaid  a  leas  an  drochaid  fha- 
gail,"  ars  an  sgiobair  ;  bha  fhios  agam  gur 
ann  a'  bruadar  a  bha  thu."  Chuir  e  diomb 
air  a'  mheat  an  sgiobair  a  bhi  a'  cur  teagaimh 
'n  a  fhacal,  "  Na'  'n  fhaiceam  tir  gu  brath," 
ars  esan,  "  mur  faca  mi  an  duine  cho  soUleir 
's  a  tha  mi  'g  'ur  faicinn-se  air  a'  mhionaid 
so." 

Thog  an  sgiobair  an  sgleat,  ach  cha  luaithe 
a  thog  e  i  na  thubhairt  e  mar  gu'm  biodh  e  a' 
bruidhinn  ris  fhein,  "  Gu  de  tha  an  so,  Stiiiir 
Tuath  's  an  Ear  Thuath."  "  An  tusa,"-  ars 
esan  ris  a'  mheat,  "  a  sgriobh  so  air  an 
sgleat  ?  " 


G 


SGEUL    lONGANTACH    O'N    CHUAN 


Bhoidich  am  meat  nach  b'  esan  a  rinn  an 
sgriobhadh,  ach  bha  an  sgiobair  cho  amharu- 
sach  's  gu'n  d'  iarr  e  air  na  ceart  fhacail  a 
sgriobhadh  air  an  taobh  eile  de  'n  sgleat,  los 
gu'm    faiceadh    e    a    lamh-sgriobhaidh. 

Ach  cha  robh  an  da  lamh-sgriobhaidh  idir 
coltach  ri  cheile.  Bha  an  sgiobair  a'  fas  rud 
beag  cas  'n  a  nadur,  is  chuir  e  fios  air  an  dara 
meat,  agus  air  an  stiiibhard,  agus  air  gach 
duine  eile  air  bord,  a  b'  urrainn  dol  a  steach 
d'a  sheomar  gun  fhios  dha.  Cheasnaich  e 
iad,  is  dh'  iarr  e  orra  uile  na  facail  ud  a 
sgriobhadh  le  peanseal  air  an  sgleat,  ach 
mhionnaich  is  bhoidich  iad  uile  nach  deach- 
aidh  iad  a  steach  do'n  t-seomar  agus  nach 
mo  a  chunnaic  iad  coigreach  air  bord. 

An  uair  a  dh'  fhairtlich  e  air  an  sgiobair 
solus  fhaotainn  air  a'  chuis,  dh'  fheuch  e  ris 
an  rud  a  chur  air  falbh  bho  'inntinn  uile  gu 
leir,  ach  a  dh'  aindeoin  a  chridhe  thigeadh 
na  facail  a  bha  sgriobhta  air  an  sgleat  fa 
chomhair  a  shiil,  ge  b'  e  taobh  an  sealladh  e. 
An  sin  thoisich  iad  air  iad  fhein  a  sheinn  'n  a 
chluais  agus  'n  a  cheann,  Stiuir  Tuath  's  an 
Ear  Thuath,  Stiuir  Tuath  's  an  Ear  Thuath. 
Mu  dheireadh  thug  e  ordugh  ciirsa  a'  bhata 
atharrachadh  agus  stiuireadh  gu  Tuath  's 
an  Ear  Thuath,  ged  bha  e  ag  radh  ris  fein 
nach  robh  ann  ach  faoineas  is  amaideas. 
Ach  CO  dhiti  dh'  iarr  e  air  a'  mheat  dithis  eile 
a  chur  comhla  ris  an  fheadhainn  a  bha  air 
faire  ann  an  toiseach  a'  bhata  agus  anns  a' 
chrann . 

Chum  e  air  a'  bharc  mar  sin  coig  uairean  a 
dh'  tiine  agus  soirbheas  maith  aice,  gus  an 
do  ghlaodh  fear  de  na  bha  anns  a'  chrann  gu 
robh  Meall-Eigh  {iceberg)  direach  air  thoiseach 
orra.  An  uair  a  thainig  iad  dliith  dhi  bha 
an  sgiobair  ag  amharc  oirre  leis  na  gloin- 
eachan,  is  faicear  gu  robh  long  mhor  an 
s^s  anns  an  iceberg,  agus  daoine  air  clar  na 
luinge  a'  feuchainn  ri  sanas  a  thoirt  dha 
gu  robh  iad  'n  an  eigin.  Chaidh  e  cho 
dluth  dhaibh  'sab'  urrainn  e,  chuir  e  a 
mach  geolachan,  agus  ann  an  tri  uairean  a 
dh'  uine  bha  a  h-uile  duine  a  bha  air  bord 
innte  air  an  sabhaladh. 

An  uair  a  bha  luchd  te  de  na  geolachan  a' 
tighinn  ri  cliathach  na  luinge,  agus  am  meat 
a'  cuideachadh  leo  streap  air  bord,  sheall  e  air 
fear  de  na  daoine  gu  dhr,  is  thubhairt  e  ris  an 
sgiobair,  "  Sin  agaibh  an  duine  a  chunnaic 
mise  a'  sgriobhadh  air  an  sgleat  aig  an  dasc." 

Cha  dubhairt  an  sgiobair  dad  aig  an  am, 
oir  bha  ctiisean  a  bu  chudthromaiche  aige  air 
laimh,  ach  an  uair  a  bha  obair  na  trocair 
criochnaichte,  is  biadh  agus  aodach  blath  air 
a  thoirt  do  na  daoine  a  bha  air  am  meileach- 
adh  le  fuachd  is  eagal,  chuir  e  fios  air  an 


duine  is  dh'  fhaighnich  e  dheth  gu  reidh 
siobhalta  am  bitheadh  e  cho  maith  agus  na 
facail  so  a  sgriobhadh  air  sgleat  a  thug  e  dha, 
Stiiiir  Tuath  's  an  Ear  Thuath. 

Rinn  an  duine  mar  dh'  iarr  an  sgiobair 
air ;  an  sin  thionndaidh  an  sgiobair  an 
sgleat  (bha  a'  cheud  sgriobhadh  air  fhagail 
oirre)  is  thubhairt  e  ris,  gun  innseadh  dha 
gu'n  do  thionndaidh  e  i,  "A  bheil  thu  ag 
aithneachadh   na   laimhe-sgriobhaidh   so  ?  " 

Chuir  ceist  an  sgiobair  ionghnadh  air  an 
duine  ;  "  cia  mar,"  ars  esan,  "  nach  aith- 
nichinn  mo  lamh-sgriobhaidh  fein  ;  sin  an 
rud  a  sgriobh  mi  o  chionn  lath  mionaid." 

An  sin  leig  an  sgiobair  fhaicinn  dha  gu 
robh  na  facail  air  an  sgriobhadh  air  da 
thaobh  na  sgleat.  Chuir  so  ionghnadh  na  bu 
mho  air  an  duine  ;  "  cha  do  sgriobh  mise 
ach  na  tha  au'  aon  taobh,"  ars  esan,  "  ach 
is  e  mo  lamh-sgriobhaidh  a  tha  air  an  taobh 
eile  gun  teagamh." 

Cha  b'e  aon  de  sgioba  a'  bhata  a  bha  anns 
an  duine  idir  ach  fear  a  bha  a'  gabhail  a 
thuruis  innte  o  Mhontreal  gu  Liverpool,  an 
uair  a  bhuail  i  am  meall-eigh. 

Cheasnaich  an  sgiobair  sgiobair  agus 
stiubhard  agus  sgioba  a  bhata  eile,  a  thuill- 
eadh  air  an  duine  fhein  a  cheasnachadh, 
feuch  am  faigeadh  e  a  mach  ciod  a  bha  e 
a'  deanamh  aig  an  am  anns  am  faca  am  meat 
a  choslas,  a'  sgriobhadh  aig  dasc  an  sgiobair. 

Thubhairt  an  stiubhard  agus  triuir  eile 
gu'm  faca  iad  e  'n  a  shuain  chadail  eadar 
da-uair-dheug  agus  leth  uair  an  deidh  da- 
uair-dheug,  agus  e  cho  glas  's  an  aodann  ris 
a'  mharbh,  is  thubhairt  an  sgiobair  gu'n 
t^inig  e  'g  a  ionnsuidh-san  mu  aon  uair  a 
dh'  innseadh  dha  nach  b'  fhada  gus  am 
biodh  iad  uile  air  an  tearnadh,  a  chionn 
gu'm  faca  e  ann  am  bruadar  gu  robh  e  air 
bord  bai'c  mor  breagh  a  bha  dol  a  thoirt 
cobhair  dhaibh.  Thubhairt  an  sgiobair 
gu'n  d'  innis  an  duine  dha  coslas  an  t- 
soithich,  na  sitiil  a  bha  rithe,  an  dath  a  bha 
air  a'  pheant  a  bha  oirre  a  mach  's  a  stigh, 
ach  nach  do  ghabh  easan  moran  suime 
de  na  bha  e  ag  radh,  a  chionn  gu  robh  e  an 
dull  nach  robh  ann  ach  breisleach  duine  a 
bha  air  dol  bharr  a  shiiiil  le  eagal. 

Chuir  sgiobair  an  t-soithieh  a  sheol  a 
Glaschu  aon  cheist  eile  air,  "  Tha  thu," 
ars  esan,  "  ag  radh  gu  'n  do  bhruadair  thu 
a  bhi  air  bord  an  t-soithich  so,  am  faca  tu 
thu  fein  anns  a'  bhruadar  sin  a'  sgriobhadh 
air  an  sgleat  1  " 

"  Chan  fhaca,"  ars  esan,  "  agus  cha  mho 
a  tha  fhios  agam  ciamar  a  fhuair  mi  fios  gu 
robh  am  bare  a'  dol  'g  ar  sabhaladh,  ach  rud 


SGEUL   lONGANTACH    O'N   CHURN 


a  tha  gle  iongantach,  tha  mi  mar  gu'm  b' 
aithne  dhomh  coslas  an  t-seomair  so  gu 
maith  (seomar  an  sgiobair)  ged  nach  robh 
mi  riamh  ann  gus  a'  mhionaid  so." 


Ciocl  a  their  thii  ris  an  naidheachd  so,  a 
leughadair  ?  Chan  'eil  fhios  agam-sa  ciod 
a  their  mi  rithe  ach  a  mhain  so  gu  bheil 
nithean  a'  tachairt  ann  an  saoghal  na  h- 
inntinn  agus  ann  an  spiorad  mhic  an  duine 
a  tha  dol  os  cionn  ar  sgil  agus  ar  sgoil-ne. 


Mac  Spioradail  Ph6il 


TiMOTEUS 


AN  t-aite  bha  aig  Timoteus  an  cridhe  Phoil 
eha  robh  aig  aon  eile  d'a  chairdean.  Bha 
aobhar  no  dha  air  sin — oige  air  aon  ni,  a 
nadur  tlaehdmhor  air  ni  eile,  agus  an  daimh 
a  bha  eatorra  mar  athair  is  mac  ann  an 
nithean  spioradail. 

Bhuineadh  Timoteus  do  Ghalatia  agus 
bhuineadh  Galatia  do  na  sean  Ghaidheil, 
na  Ceiltich,  mar  a  theirear  riu.  Chithear  sin 
gle  shoUleir  ann  an  nadur  nan  Galatianach 
agus  ann  an  cuid  de  ainmean  na  diithcha 
mar  a  tha  Galatia  fhein,  agus  ainm  aon  de 
na  beanntan— an  Cara-dagh,  a'  bheinn 
dhubh  :  gu  litireil  a'  Charraig  Dhubh. 
B'ann  aig  bonn  na  beinne  so  a  rugadh 
Timoteus. 

Ach  cha  b'e  Gaidheal  a  bha  an  Timoteiis. 
Bha  e  'n  a  ludhach  air  taobh  a'  mhathar 
agus  'na  Ghreugach  air  taobh  athar.  Tha  e 
coltach  gun  do  bhasaich  athair  an  oige 
Thimoteuis  agus  gun  do  bhasaich  e  'na  fhear- 
iodhol-aoraidh.  Co  dhiiibh  cha  do  thimchioll- 
ghearr  e  Timoteus.  Ach  an  easbhuidh  a  bha 
aig  Timoteus  'na  athair  bha  e  air  a  dheanamh 
suas  gu  saoibhir  'na  mhathair,  Eunice  agus 
'na  shean-mhathair  Lois.  Theagaisg  iadsan 
dha  eolas  na  firinn,  agus  rinn  sin  glic  esan 
a  chum  slainte.  Chan  'eil  leabhar  eile 
co-ionnan  ris  a'  BhiobuU  air  son  sin.  Mar 
is  sine  a  dh'  fhasas  duine  is  ann  is  mo  a  cbi 
e  sin. 

Tha  e  ceart  cuideachd  a  radh  gu  bheil  a' 
chuid  as  fhe^rr  de  fhoghlum  a'  tighinn  leis 
an  atharrachadh  a  tha  coimh-cheangailt 
ri  creideamh  ann  an  Criosd  mar  Dhia  's 
mar  Shlanuighear.  Tha  an  t-atharrachadh 
sin  uairean  a'  tighinn  lion  beag  agus  beag, 
mar  a  dh'  eireas  a'  ghrian  air  an  talamh  : 
chan  urrainn  duine  innse  cheart  mhionaid. 
Air  a'  mhodh  cheudna  chan  urrainn  moran 
de  fhior  chreidmhich  innse  c'uin  no  c'aite 
chaidh  iad  as  o  bhas  gu  beatlia.  Faodaidh 
gun  robh  Timoteus  air  aon  dhiubh  sin. 
Cinnteach  gu  leor  thainig  e  gu  mothachadh 
air  CO  d'am  buineadh  e  agus  c6  d'an  robh 
e  a'  deanamh  seirbhis.  Faodaidh  gun  do 
thachair  sin  co-cheangailte  ri  ceud  chuairt 
Phoil    do    Listra — -aite    breith    Thimoteuis, 


agus  chan  e  mhain  dhasan  ach  d'a  mhathair, 
agus  d'a  sheanmhathair  Lois.  Chuala  iad 
araon  an'  teagasg  iongantach  a  thug  Pol 
agus  Barnabas  seachad  an  eisdeachd  an 
t-sluaigh,  agus  chunnaic  iad  a'  bhuaidh  a 
bha  aig  orra,  agus  cionnus  a  ghluais  na 
h-Iudhaich  mhi-chreidmheach  an  sluagh  'n 
an  aghaidh.  Chlach  iad  Pol  is  Barnabas  gus 
mu  dheireadh  an  do  shaoil  iad  gun  robh  iad 
marbh.  Mar  tha  aon  ag  radh  :  "  Faodaidh  e 
bhi  gun  robh  Timoteus  am  measg  an  fheadh- 
ainn  a  chruinnich  timchioll  air  cuirp  nan 
Abstol  an  uair  a  bha  iad  mar  gum  b'eadh 
marbh.  Co  dhitibh,  bha  Timoteus  a  muigh 
's  a  mach  air  taobh  an  Tighearna. 

Sin  an  rathad,  ma  tha,  anns  an  d 'thainig 
Timoteus  gu  bhi  'n  a  fhear-cuideachaidh  do 
Phol.  Ciod  e  am  maith  a  tha  ann  a  bhi  sear- 
monachadh  gun  ghras  ?  Mur  'eil  an  saighdear 
dileas  do'n  righ  ciod  e  am  feuni  a  tha  ann  1 
Ach  tha  cliu  Thimoteuis  iomraiteach  am 
measg  nam  braithrean  a  bha  an  Listra  cha 
b'e  mhain  a  thaobh  bheusan  ach  a  thaobh 
eud  an  aobhar  an  t-Soisgeil.  Bha  e  cuideachd 
'n  a  fhabhar  mar  shoisgeulaiche  gun  robh 
e  'n  a  chinneach  air  an  darna  taobh  agus  'n 
a  ludhach  air  an  taobh  eile.  Dh'fhosgladh 
sin  iomadh  dorus  da  a  bhiodh  diiinte  air  a 
chaochladh. 

B'e  thainig  as  :  bha  Timoteus  air  a 
shuidheachadh  leis  an  eaglais  gu  bhi  'n  a 
cho-oibriche  maille  ri  Pol.  Chithear  ann  an 
litrichean  Phoil  na  h-earalan  a  fhuair  e  aig 
an  am  sin  agus  as  deidh  sin.  Bha  Timoteus 
6g,  narach.  Thuirt  Pol :  "  Na  deanadh 
duine  sam  bith  tarcuis  air  d'oige  ach  bi 
thusa  ad  eisimpleir  .  .  .  ann  am  focal,ann  an 
caithe-beatha,  ann  an  gradh,  ann  an  Spiorad, 
ann  an  creidimh  ann  am  flor  ghloinne." 
Bha  Timoteus  gealtach,  bha  e  maoth  ann 
an  slainte.  Thuirt  Pol :  "  FuUing  thusa 
uime  sin  cruaidh-chas  mar  dheagh  shaighdeir 
losa  Criosd."  Bhiodh  Timoteus  air  a 
th  arming  am  measg  muinntir  a  bhiodh  an 
aghaidh  aon  a  cheile.  "  Agus  chan  fhaod 
oglach  an  Tighearna  a  bhi  conspoideach  ach 
ciiiin  ris  na  h-uile  dhaoine,  ealamh  a  chum 
teagasg,  foighidneach."    Bha  an  tuUle  feum 


MAC   gPIORADAIL   PHOIL 


aig  Timoteus  air  gliocas  do  bhrigh,  agus  gun 
robh  aige  ri  aite  Phoil  a  ghabhail,  agus  gun 
robh  Pol  fhein  a  nis  gu  a  bhi  air  iobradh 
agus  am  a  shiubhail  am  fagus. 

Theirigeadh  an  uine  dhuinn  na'm  biomaid 
a'-  dol  a  labhairt  air  saothair  Thimoteuis 
comhla  ri  Pol  agus  leis  fhein,  ach  gu  h-araidh 
leis  fhein.  Is  leor  a  radh  gun  robh  e  dileas 
eadhon  gu  bas.  Tha  beul-aithris  ag  radh 
gun  do  sheulaich  e  obair  a  bheatha  le  bas 
marturaich. 

Chan  urrainn  sinn  a  bhi  cinnteach-  a  sin  ach 
tha  sinn  cinnteach  nach  urrainn  sinn  tuille 
's  a'  choir  a  dheanamh  do'n  t-Soisgeul. 
Ma  tha  luach  ni  r'  a  fhaicinn  anns  an  eiric 
a  thugadh  air  a  shon  nach  luachmhor  an 
ni  an  Soisgeul !  An  ann  gu  diamhain  a 
fhuair  Criosd  agus  na  marturaich  bas  ? 
Tha  freagairt  na  ceisde  r'a  fhaotainn  ann 
an  cruth-atharrachadh  caithe-beatha  sluagh 
nach  gabh  aireamh,  marbh  agus  beo  agus 
beo  gu  siorruidh  's  mar  a  tha  iad,  thainig 
iad  troimh  amhghairean  mora  agus  nigh 
iad  an  trusgain  agus  rinn  iad  geal  iad  ann 
am  fuil  an  uain. 

Chan  'eil  e  doirbh  mathraichean  diadhaidh 
fhaicinn  am  measg  na  cuideachd  bhean- 
naichte  sin  cosmhuil  ri  iomadh  mac  is 
nighean  eile.  Am  biodh  Timoteus  an  duine 
bha  e  mur  b'e  a  mhathair  Eunice  agus  a 
shean-mhathair    Lois  ? 

Chan  'eil  cumhachd  eile  's  an  t-saoghal  air 
son  maith  cosmhail  ri  mathair  ghlic  dliiadh- 
aidh.  "  Cionnus  "  arsa  cuid  eigin  ri  Napoleon 
Buonaparte,  "bhios  oigridh  na's  fearr  againn." 
Chan  'eil  oil-thigh  idir  ann  cosmhail  ris  an 
dachaidh,  agus  chan  'eil  dachaidh  ann  gun 
mhathair.  "  Rinn  i  an  dachaidh  an  comh- 
nuidh  sona  dhuinn "  sgriobh  clann  air 
leac-lighe  am  mathar. 


Tha  beatha  Thimoteuis  cuideachd  a' 
teagasg  am  beannaehd  a  tha  ann  a  bhi  6g 
air  taobh  an  Tighearna.  Tha  am  barrachd 
toraidh  leis  agus  am  barrachd  geallaidh. 
"  Is  e  an  t-ionnsachadh  6g  an  t-ionnsachadh 
boidheach.""  Chunnaic  Solamh  iomadh 
sealladh  ach  chan  fhaca  e  sealladh  bu 
mhaisiche  na  "  duine  6g  ag  imeachd  'n  a 
ionracas."  Biodh  e  chum  maith  no  biodh  e 
chum  uilc  an  taobh  a  theid  duine  'n  a  oige  is  e 
as  docha  e  a  leantainn.  Bha  duine  uasal  'n  a 
aoigh  an  tigh  mor.  Troimh  'n  uinneig 
chunnaic  e  craobh  mhaiseach.  Thuirt  e  ri 
fear  an  tighe  :  "  Nach  maiseach  a'  chraobh 
ud,  ach  ciod  e  an  car  a  tha  innte  mar  sud  ?  " 
"  Tha,"  ars  esan,  "  car  a  thainig  innte  an 
uair  a  bha  mise  bliadhna  no  dha  air  falbh 
o'n  tigh.  Cha  robh  i  ach  air  a  h-ixr  chur 
an  uair  a  chuir  cuid  eigin  cudthrom  air 
an  darna  taobh  dhith,  ach  cudthrom  cho 
aotrom  agus  gun  robh  e  smuaineachadh  nach 
deanadh  e  cron  air  bith  ;  agus  a  nis  that  thu 
a'  faicinn  an  cumadh  a  th 'innte."  Is  e  dileab 
bhochd  a  th'ann  an  sin.  Fhuair  Byron  o 
mhathair  i,  's  ged  bu  mhor  a  thalantan  bu 
mho  na  sin  a  thruaighean.  Is  e  eagal  an 
Tighearna  an  dileab  as  mo  as  urrainn 
parantan  fhagail  aig  an  cloinn.  Ach  eadhon 
a  dh'easbhuidh  sin  that  slighe  ann  a  dh'- 
ionnsaigh  seilbh  fhaotainn  air  ' '  na  bliadh- 
nachan  a  dh'ith  an  locust,"  slighe  dhaibhsan 
a  tha  toileach  agus  umhail." 

Gabh  tlachd  an  Dia  is  bheir  e  dhuit, 
Lan  riin  do  chridhe  chaoidh. 


Foillsichidh  e  do  choir  's  do  cheart. 
Mar  sholus  glan  nan  trath  ; 
Is  anihluidh  mar  ard  mheadhon-la. 
Do  bhreitheanais  a  glinath. 

Leis  an  Urr.  Edghan  Mac  Gill-Iosa,  nach 

maireann. 


Suas^  suas^  a  Charaid 


SUAS,  suas,  a  charaid,  fag  an  dasg 
No  crupaidh  tu  ri  talamh  ; 
Bi  mach  gun  dail  le  aghaidh-ghair'. 
Is  caraich  cradh  o'n  t-sealladh. 

Tha  leabhraichean  gun  mhoran  feum, 
Eisd  thusa  ceol  na  h-uiseig  ; 
Nach  binn  a  seisd !    air  m'fhacal  fhein 
Tha  barr  na  ceill  'na  1  uinneig. 


Is  feuch  an  smeorach  air  a'  gheig 
Le  sgeul  ach  gann  cho  loinneil, 
Bi  mach  an  solus  glan  na  grein' 
Tha  fonn  is  speur  'g  ad  shireadh. 

Tha  tuUleadh  ttiir  am  plathadh  smuain 
Bho  dhuUleach  uain,  mu'n  duine, 
Air  nithean  maith  's  air  nithean  duar 
Na'n  leabhraichean  na  cruinne. 


Suas,  suas,  a  charaid,  fag  an  dasg 
No  crupaidh  tu  ri  talamh  ; 
Bi  mach  gun  dail  is  gheibh  thu  Slaint', 
Is  Gliocas  lamh  ri  Mire. 


Air  a  thionndadh  gu  Gdidhlige,  Iain  Macan-Aha. 


Aireamh  12 


1950 


Aig  an  Uinneig 


Na  duilleagan  Gaidhlig 

A  REIR  riaghailtean  glie  a  bha  aig  claoine 
diadhaidh  anns  an  Aird  an  Ear,  an  uair  a 
tha  ceann  duine  air  fas  geal,  agus  preasaichean 
air  tighinn  'na  aodann,  agus  a  cheum  a' 
fas  mall,  tha  an  t-am  aige  a  chiil  a  chur 
ris  an  t-saoghal  agus  ri  obair  an  t-saoghail, 
agus  a'  chuid  a  tha  roimhe  d'a  bheatha 
a  chur  seachad  ann  an  samhchair  ann  an 
aite  onrachdach  a'  beachd-smuaineacbadh 
air  Dia  agus  air  an  t-saoghal  eile  ;  air  bith 
agus  nadur  an  Ti  neo-chruthaichte,  agus  air 
crioch  araidh  bsatha  ixihic  an  duine  anns  a' 
chruthachadh  mhor  agus  uamhasach  so 
nach  urrainn  e  a  thuigsinn  no  thomhas 
le  solus  fann  a  reusoin. 


Mar  sin  tha  mi  a'  toirt  fios  d'  am 
bhraithean  anns  an  eaglais,  agus  do  luchd — • 
leughaidh  nan  duilleagan  so,  gu  bheil  mi 
dol  a  stad  aig  deireadb  na  bliadhna  de  'n 
obair  a  ghabh  mi  os  laimh  ann  an  1907 
mar  fhear-deasachaidh  na  Gaidhlig  ann  am 
Miosachan  Eaglais  na  h-Alba. 

Tha  an  sanas  so  air  a  thoirt  seachad  anns 
an  aireamh  so  a  thoirt  cothrom  do  mhinis- 
tearan  aig  a  bheil  Gaidhlig  fios  a  chur  gu 
Anndra  Mac  Cosh,  121  Sraid  Dheorsa,  an 
Dim-eideann,  ma  bit  m.haith  leo  m'  aite 
a  ghabh  ail. 

Domhnull  Mac  Laomuinn, 
Old  Manse  of  Pilmuir, 
Haddington. 


Urnuigh  Chriosd  'n  a  amhghar 

Thubhairt  am  faidh,   Thig  cinnich  a  dh'  ionnsuidh  do    sholuis. — Isaiah  Ix,  3. 

Thubhairt  na  Greugaich,  Bu  mhiann  leinn  losa  fhaicinn. — Eoin  xii,  21. 

Thubhairt  losa,  A  nis  tha  m'anam  fo  amhghar,  agus  ciod  a  their  mi  ? — Eoin  xii,  27. 


GED  is  ann  gu  sluagh  Israeil  a  thainig 
Criosd  an  toiseach  rainig  fuaim  a  theachd 
na  cinnich  mar  an  ceudna.  Thainig  cuid 
dhiubh  'g  a  fhaicinn  an  uair  a  bha  e  'n  a 
leanabh,  agus  bha  cuid  dhiubh  maille  ris  an 
uair  a  bha  e  air  a  cheusadh.  Aig  uair  a 
theachd  thainig  Cinnich  eagnaidh  a  diith- 
channa  cein  le  tabhartas  luachmhor  dha, 
a'  coimhlionadh  an  fhacail  a  bha  sgriobhta, 
"  Thig  Cinnich  a  dh'  ionnsuidh  do  sholuis 
agus  righrean  a  dh'  ionnsuidh  do  ghrian- 
eirigh."  Agus  a  nis  an  uair  a  bha  an  t-am 
dltith  anns  an  robh  e  ri  bhi  air  a  thogail 
suas  o'n  talamh  air  a'  chrann-cheusaidh 
thainig  na  Cinnich  so,  no  na  Greugaich  so, 
thuige  le  tabhartas  a  bu  luachmhoire  na  or 
no  tiiis  no  mirr.  Thainig  iad  thuige  a  dh' 
iarraidh  air  lerusalem  a  sheachnadh  agus 
criochan  nan  ludhach  fhagail  agus  dol  air 
aoigheachd  leo  fhein,  los  gu'n  sabhaladh  e 
a  bheatha  o  na  naimhdean  a  bha  an  toir  air. 

Beul-aithris  na  h-eaglais 

A  reir  beul-aithris  na  h-eaglais  bha  na 
Greugaich  ud  'n  an  daome  eaomhail  ged 
nach  b'  ann  de  chuideachd  losa  iad.  Ach 
ged  nach  robh  annta  ach  coimhich  do  chomh- 
fhlaitheachd  Israeil  agus  coigrich  do  choimh- 


cheangal  a'  gheallaidh,  bha  an  coguis  a' 
toirt  urraim  do  dhiadhaidheachd  losa,  agus 
cha  bu  mhaith  leo  gu'm  biodh  eucoir  no 
lamhachas-laidir  air  a  dheanamh  air,  na'n 
gabhadh  sin  seachnadh.  Chual  iad  gu  robh 
na  h-Iudhaich  ag  iarraidh  a  chur  gu  bas, 
agus  gu  robh  e  coltach  nach  b'  fhada  gus 
am  faigheadh  iad  run  an  cridhe  mur  dean- 
teadh  dealbh  air  chor-eigin  air  a  shaoradh 
as  an  lamhan.  Mar  sin  chuir  iad  romhpa 
dol  'ga  ionnsuidh  agus  a  chunnart  innseadh 
dha.  Dh'  iarr  iad  air  a  dhuthaich  agus  a 
dhaoine  fhagail,  is  dol  comhla  riusan  d' 
an  duthaich  fhein  far  am  faigheadh  e 
cairdeas  is  aoigheachd.    Phreagair  losa, — • 

A  nis  tha  m'  anam  fo  amhghar  agtis  ciod 
a  their  mil:  An  abair  mi,  Athair,  saor 
mi  o'n  uair  so.  Chan  abair,  oir  is  ann 
air  a  shon  so  a  thainig  mi  chum  na  h- 
uaire  so.     Athair,  gloraich  t'  ainm. 

I.  Ged  bha  na  Greugaich  a'  ciallachadh 
coibhneas  a'  nochdadh  do  losa  chuir  iad 
buaireadh  'na  rath  ad.  Cha  robh  olc  'n  am 
baachd  ach  is  maith  do'n  t-saoghal  nach  do 
ghabh  e  an  comhairle.  Anns  an  fhasach,  da 
bhliadhna  roimh  so,  dhiult  e  eisdeachd  ri 
cuilbheartan    Shatain,    agus    rirm    e    suas 


URNUIGH   CHRIOSD   'N   A  AMHGHAR 


inntinn  nach  b'urrainn  dha  na  saoghal  a 
thearnadh  na'n  tearnadh  e  e  fein.  Ead 
laithean  a  mhinistrealachd  bha  guth  an 
t-saogbail,  agus  air  uairean  guth  a  chairdean, 
ag  iarraidh  air  Calbhari  a  sheacbnadh  agus 
rioghachd  Dhe  a  chur  air  chois  air  dhoigh 
eile,  ach  chunnaic  e  gu  soilleir  nach  gabhadh 
sin  deanamh,  agus  gu'm  feumadh  e  a  bheatha 
a  thoirt  seachad  chum  an  saoghal  a  chosnadh. 
Mur  faigh  an  grainne  cruithneachd  a  thuiteas 
anns  an  talamh  has,  fanaidh  e  'n  a  aonar, 
ach  ma  gheibh  e  has  bheir  e  toradh  mor  uaith. 

Bha  Peadar  agus  an  corr  de  na  h-abstoil 
am  bsachd  nach  ruigeadh  losa  a  leas  fulang 
air  a'  chrann-cheusaidh,  agus  gu'm  faodadh 
obair  na  saorsa  a  bhi  air  a  deanamh 
as  eugmhais  dortadh  fala.  Bha  iad  ag  radh 
so  ris  gun  sgur  agus  ag  iarraidh  air  an 
comhairle  a  ghabhail.  An  ionghnadli,  mata, 
ged  thigeadh  teagamh  'n  a  chridhe  air 
uairean  gu'm  faodadh  iadsan  a  bhi  ceart 
agus  6  fein  a  bhi  cearr  ?  B'e  so  am  buaireadh 
sonraichte  a  thainig  gu  losa  an  drasd  's  a 
ris,  an  iom-chom.hairle  anns  an  robh  e  eadar 
guth  an  t-saoghail  agus  an  guth,  a  bha  e  a' 
cluinntinn  'n  a  chridhe  fein.  Ach  ged  bha 
fheoil  air  uairean  an  im.pis  failneachadh  ; 
ged  mhiannaicheadh  e  geill  a  thoirt  d'a 
chairdean,  agus  fulangas  a'  bhais  a  sheach- 
nadh,  bha  solus  'inntinn  is  gradh  anama  fein 
'ga  cho-eigneachadh  gus  an  cupan  searbli 
61.  Bha  e  'n  a  aonar  an  aghaidh  an  t- 
saoghail,  ach  air  dha  bhi  dileas  do'n  t-solus 
a  fhuair  e  o  shuas  agus  leigeil  le  comhairle 
a  chridhe  fein  seasamh  fhuair  e  buaidh  air 
an  t-saoghal  agus  nochd  e  d'a  bhraithrean  an 
t-slighe  air  an  coir  dliaibh  imeachd.  Iadsan 
a  bhios  dileas  do'n  t-solus  a  chuir  Dia  'n  an 
cridhe  agus  'nan  coguis  chan  imich  iad  ann 
an  dorchadas,  oir  socruichidh  Dia  an  ceum- 
anna,  agus  cuiridh  e  an  casan  air  carraig 

Criosd  an  iom-chomhairle 

II.  An  uair  a  bha  Criosd  an  iom-chomh- 
airle rinn  e  iirnuigh.  Cha  robh  fhios 
aige  ciod  a  theireadh  e,  agus  labhair  e  an 
smuain  a  bha  'na  chridhe,  Tha  m'  anam  fo 
amhghar  agus  ciod  a  their  mi  ?  Rinn  e  an 
rud  a  bhiodh  e  a'  deanamh  daonnan  an  uair 
a  bhiodh  an  t-slighe  dorcha  ;  dh'  iarr  e  solus 
is  neart  o  Dhia.  Chan  abradh  e,  Athair 
saor  mi  o'n  uair  so,  ach  rinn  e  iirnuigh  a  b' 
fhearr  agus  a  bu  mhacanta,  Athair,  gloraich 
t'ainm.  Chan  'eil  innte  ach  tri  facail  uile 
gu  leir  ach  tha  cridhe  na  diadhaidheachd  uile 
innte. 

Bu  bliiadh  agus  bu  dheoch,  do  Chriosd  toil 
Dhe  a  dheanamh,  agus  is  ann  chum  toil  Dhe 
fhaotainn  a  mach  a  labhair  e  an  urnuieh  so. 


Fhuair  e  ann  an  dliiths  ri  inntinn  is  toil  Dhe 
ris  nach  d'  fhuair  neach  eile  air  thalamh 
riamh,  agus  fhuair  e  sin  a  chionn  gu  robh 
co-chomunn  aige  gun  sgur  ri  Dia  ann  an 
iirnuigh.  Bhiodh  e  ag  eirigh  roimh  'n 
ghrein  los  cothrom  fhaotainn  air  iirnuigh 
uaignich  ;  an  deidh  d'a  chompanaich  dol  a 
chadal  bhiodh  e  a  mach  air  an  raon  a' 
gleachd  ri  Dia.  Ach  chunnacas  a  thoradh 
sin  'n  a  bheatha  ;  chunnacas  a  thoradli  air 
uairean  'n  a  aodann.  Bha  sith  Dhe  'na 
chridhe  a  chionn  gu  robh  ainm  Dhe  a  ghnath 
air  a  bhilean.  Foillsichidh  Dia  a  thoil 
dhaibh-san  a  tha  trie  air  an  gliiinean.  Chi 
na  daoine  a  bhios  ag  iirnuigh  iomadh  ni  a  tha 
folaichte  air  daoine  nach  bi. 

Fhreagair  Dia  iirnuigh  Chriosd  mar  a 
fhreagras  e  gach  iirnuigh  eile  a  tha  fior  is 
treibhdhireach.  Ghloraich  e  'ainm.  fein; 
ghloraich  e  e  ann  a  bhi  nochdadh  dha  na 
slighe  air  am.  bu  choir  dha  imeachd,  agus  ann 
a  bhi  toirt  dha  neart  is  m.isneach  gu  coiseachd 
oirre.  Chunnaic  losa  nach  robh  ann  an 
cuireadh  coibhneil  nan  Greugach  ach 
buaireadh  tir  o'n  t-saoghal,  is  thionndaidh 
e  air  falbh  o'n  bhuaireadh.  Agus  bha  e  cho 
cinnteach  gu'm  b'e  sud  toil  Dhe  d'a  thaobh 
's  gu'n  dubhairt  e,  A  nis  tha  breitheanas  an 
t-saoghail  so  ann,  d  nis  tilgear  uachdaran  an 
t-saoghail  so  mach. 

III.  Tha  an  iirmiigh  so  a'  teagasg  dhuinn 
ciod  is  coir  dhuinn  a  dheanamh  an  uair  a 
bhios  ar  n-anam.  fo  amhghar,  no  bhios  sinn 
an  iom-chom.haii'le.  Tha  an  fheoil  anfhann 
is  tha  e  nadurra  gu  leoir  do  dhaoine  a  radh, 
A  Thighearna,  saor  m.i  o'n  chall  so  ;  o'n 
naire  so  ;  o'n  phian  so  ;  o'n  uallach.  so  ;  o'n 
teinn  so.  Tha  an  athchuinge  so  gle  nadurra 
air  bilean  dhaoine,  agus  theagamh  gu'm  bi 
i  air  bilean  iomadh  duine  nach  do  rinn 
iirnuigh  eile  riamh.  Ach  tha  iirnuigh  as 
fhearr  ann  a  bu  choir  dhuinn  a  radh,  Athair, 
gldraich  fainm.  Mar  gu'n  abradh  an  duine 
a  tha  ag  iirnuigh,  Tha  mi  leagta  ri  do  thoil, 
a  Thighearna,  nochd  fein  dhomh  an  t-slighe, 
agus  stiiiir  mo  cheum,  agus  fan  m.aille  rium. 

Trie  gu  leoir  bidh  briathran  na  laoidh  so 
air  ar  bilean,  agus  ann  an  tomhas  bidh  sinn 
'g  an  ciallachadh  gu  fior,  ach  an  uair  a 
fhreagras  Dia  ar  n-iirnuigh  le  crois  air 
chor-eigin  a  chur  'n  ar  crannchur  chum 
ar  smachdachadh  agus  ar  toirt  na's  dluithe 
ris  fein  toisichidh  sinn  air  gearan  agus 
ni  sinn  ceannairc  an  aghaidh  a  thoile  agus 
a  riaghlaidh.  Ach  chan  fhaigh  sinn  dluth 
cho-chomunn  ri  Dia  gu^  brath  gun  toil 
na  feola  a  cheusadh.  Cha  do  shaor  Dia  a 
mhac  o'n  amhghar  a  bha  cur  eagail  air,  ach 
fhreagair  e  iirnuigh  air  dhoigh  eile  agus  air 


URNUIGH    CHRIOSD    'N    A    AMHGHAR 


dhoigh  a  b'fhearr  ;  thug  e  dha  neart  is 
misneach  dol  air  aghaidh  agus  thug  e  dha  an 
inntinn  leis  an  dubhairt  e,  Chan  e  mo  thoil-sa 
ach  do  thoil-sa  gu  robh  deanta. 

TV.  Tha  uile  an-shocair  is  uile  mhi- 
shuaimhneas  an  dnine  ag  eirigh  o'n  stri  a 
tha  eadar  a  thoil  agus  toil  Dhe.  Tha  eogadh 
gun  sgur  eadar  toil  is  inntinn  an  duine 
nadurra  agus  toil  is  inntinn  Dhe.  Ach 
do  bhrigh  gu  bheil  Dia  iomlan  an  gliocas, 


an  ceartas,  agus  an  gradh,  tha  e  cearr  do 
dhuine  eogadh  'n  a  aghaidh,  agus  is  e  an 
tiodhlac  a  b'fhearr  a  b'urrainn'dhuinn  fhaot- 
ainn  bhuaith,  gu'm  bitheamaid  striochta  d'a 
thoil. 

Tha  e  duilich  air  uau'ean  a  bhi  leagta  ri 
toil  Dhe,  direach  mar  bha  e  duilich  do 
Chriosd  aghaidh  a  chur  air  Calbhari  seach 
gabhail  ri  cuireadh  nan  Greugach,  ach  is  e 
iadsan  a  cheusas  an  fheoil  a  thearnas  an 
anam.     Athair,  gloraich  t'ainm. 


Solus  anns  an  Eaglais 


(BHA  an  naidheachd  so  air  a  h-innseadh  le 
aon  de  mhaithean  na  h-eaglais,  AM  MORAIR 
SANDS,  a  bha  cho  urramach  ann  an  obair 
an  t-soisgeil  's  a  bha  e  ann  an  eolas  an  lagha. 
Agus  CO  a  ghabhadh  air  fhein  teagamh  a 
chur  ann  am  facal  duine  a  bha,  an  da  chuid, 
'na  fhoirbheach  anns  an  eaglais  agus  'na 
bhreitheamh  ann  an  Ctiirt  an  t-Seisein  ?) 

"  Gu  de  air  an  t-saoghal  a  tha  agad  an 
so  ?  "  arsa  Maighstir  Lockhart,  ministear 
na  sgireachd,  agus  e  a'  sealltuinn  air  paipear 
a  bha  air  a'  bhord  ann  an  seomar  a  eharaid, 
Maighstir  Spedding,  am  fear-lagha.  ''  Sin 
agad,"  arsa  Spedding,  "  an  cu.nntas  air 
obair  na  bliadhna  a  tha  air  a  chur  a  mach 
leis  a'  Chomunn  a  tha  a'  rannsachadh  diomh- 
aireachd  na  taibhsearachd. 

"  A  bheil  thu  ag  radh  rium  gu  bheil 
thusa  air  do  ghlacadh  le  amaideas  is  faoineas 
de'n  t-seorsa  sin  ?  " 

"  Air  mo  shon-sa,"  arsa  Spedding,  "  chan 
'eil  annam  ach  an  t-ana-creideach  co  dhiu, 
ach  tha  an  comunn  so  a'  feuchainn  ri  solus 
fhaotainn  air  nithean  aig  am  bheil  am 
barrachd  buintealais  ri  saoghal  nan  spiorad 
na  tha  aca  ris  an  fheoil." 

Bha  am  ministear  'na  thosd  car  greis, 
ach  an  sin  thubhairt  e, — ■ 

"  Cha  do  ghabh  mise  riamh  orm  fhein 
comhairle  a  thoirt  ort,  ach  chan  urrainn 
mi  gun  sin  a  dheanamh  a  nis  ;  as  uchd 
mhaitheis,  a  eharaid,  leig  dhiot  an  torachd 
dhiomhain  agus  neonach  so.  '  Na  bean  ris  : 
na  blais  :  na  laimhsich  '  V 


Oidhche  Di-sathuirne,  beagan  iiine  an 
deidh  an  t-seanchais  ud,  bha  Maighstir 
Lockhart  'na  shuidhe  'na  onrachd  'na 
sheomar,  a'  criochnachadh  a  shearro.oin  air 
son  an  la  maireach.  Aig  a'  cheart  mhionaid 
anns  an  robh  an  searmon  deas  chual  e 
guth  a  mhnatha,  a'  glaodhach  ris  o  mhullach 
na  staidhreach, 


"  Iain  ;  dhichuimhnich  mi  Ceasar  a  leigeil 
a  steach  ;  fosgail  an  dorus-beoil,  agus  dean 
fead  ris." 

Ach  cha  robh  feum  aig  Ceasar  air  feadair- 
eachd.  Bha  e  'na  shuidhe  gu  faidhidinneach 
air  steap  an  doruis.  Bha  an  oidhche  rion- 
nagach,  reulagach  ;  agus  sheas  Maighstir 
Lockhart  greis  anns  an  dorus,  ag  amharc 
suas  air  an  neamhan. 

"  Gabhaidh  sinn  an  ochdamh  salm  am 
maireach,"  ars  esan  ris  fhein,  "  freagraidh  i 
air  an  t-searmon." 

An  ath  mhionaid  laigh  a  shuil  air  an  eaglais, 
a  bha  mar  astar  coig  fichead  ceum  uaith, 
agus  rud  iongantach  mu'n  am  ud  a  dh' 
oidhche,—  bha  dealradh  soluis  anns  an 
h-uinneagan.  Chuir  am  ministear  an  ad 
air  ann  an  cabhaig,  agus  ghreas  e  a  null 
a  dh'  ionnsuidh  na  h-eaglais,  is  eagal  air 
gu'm  faodadh  gu'n  robh  i  air  theine,  mar  a 
thachair  do  eaglais  Yarrow.  Ach  an  uair 
a  thainig  e  dluth  dhi,  thuit  fuaim  air  a 
chluais  a  thug  faochadh  d'a  chridhe,  fuaim 
chaomh   is   bheannaichte   an   orgain. 

Ach  CO  a  bha  'g  a  chluich  cho  anmoch  ? 
Chuir  Maighstir  Lockhart  car  ann  an  lamh 
an  doruis-mhoir,  ach  bha  an  dorus-mor 
glaiste.  Dh'fheuch  e  an  dorus-ctiil,  agus 
an  sin  dorus  na  vestry,  ach  bha  iad  sin 
glaiste  cuideachd.  A  reir  choslais,  ghlas 
am  fear-ciiiil  e  fhein  a  steach.  Sheas  am 
ministear  air  a  chorra-biod  aig  te  de  na 
h-uinneagan,  ach  cha  b'urrainn  dha  an 
t-6rgan  fhaicinn.  Ach  chunnaic  e  rud  a 
chuir  ionghnadh  nach  bu  bheag  air,  nach 
robh  an  gas  laiste  idir,  ged  bha  an  eaglais  air 
a  lionadh  le  solus. 

Ged  nach  robh  cluas-chiuil  ro  mhaith 
aig  Maighstir  Lockhart,  ar  leis  gu'n  robh 
e  ag  aithneachadh  an  fhuinn  a  bha  air  a 
chluich  air  an  organ,  an  Dachaidh  Bhuan. 

Ach  cha  b'urrainn  dha  a  thuigsinn  air 
an  t-saoghal  c6  a  bha  anns  an  eaglais.  Cha 
robh  coir  no  cead  aig  duine  air  bith  a  bhi 
innte,  no  beantuinn  ris  an  organ,  ach  a  mhain 


SOLUS    ANNS    AN    EAGLAIS 


aig  Maighstir  Wylie,  fear-ciuil  na  h-eaglais, 
agus  cha  robh  e  coltach  gu'm  biodh  esan 
anns  an  eaglais  aig  uair  cho  anmoch,  oir 
bha  fhios  aig  a'  mhinistear  gu'n  robh  droch 
fhuachd  aige. 

Bha  iuchraichean  na  h-eaglais  aig  a' 
bheadall,  a  bha  fuireach  air  taobh  eile 
an  rathaid,  agus  chuir  am  ministear  roimhe 
gu'n  rachadh  e  a  dh'iarraidh  a'  bheadaill. 
Bha  am  beadall  'na  laighe,  agus  leasg  gu 
eirigh  ;  ach  an  uair  a  chual  e  gu  'n  robh 
farbhalach  anns  an  eaglais  thainig  sprachd 
'n  a  iosgaidean,  agus  chuir  e  uime  a  bhriogais 
agus  a  bbrogan  ann  an  tiota,  agus  lean  e 
Maighstir  Lockhart.  Ach  an  uair  a  thainig 
iad  an  sealladh  na  h-eaglais  bha  i  dubh 
dorcha  ;  cha  robh  solus  no  solus  ri  fhaicinn. 
Ach  thuirt  iad  ri  cheile,  c6  air  bith  a  bha 
ann,  nach  robh  iiine  aige  air  an  eaglais 
fhagail,  agus  gu'n  rannsaicheadh  iad  an 
gnothuch  gu  ceann-criche. 

Bha  na  dorsan  glaiste  gun  teagamh. 
Las  iad  cuid  de  na  soluis,  ach  cha  robh  a 
choslas  gu'n  robh  dad  cearr.  Dh'  fheuch 
iad  an  t-6rgan,  ach  bha  an  t-6rgan  mar  a 
b'abhaist.  Chuir  am  beadall  a  lamh  air 
pioban  a'  ghas  a  bha  ri  taobh  an  orgain  a 
dh'fheuchainn  an  robh  iad  teth,  ach  bha 
na  pioban  ud  cho  fuar  's  ged  nach  biodh 
iad  laiste  bho  chionn  seachduin.  An  sin 
dh'  fheuch  e  an  inneil-uisge  a  bha  ag  oibreach- 
adh  an  orgain,  ach  bha  e  cinnteach  nach  do 
chuir  an  inneil-uisge  car  dhith  an  oidhche  ud. 

Cha  robn  fhios  aig  a'  mhinistear  ciod  a  their- 
eadh  no  a  shaoUeadh  e.  Cha  robh  dearbhadh 
air  bith  aige  do'n  bheadall  air  an  rud  a 
chunnaic  agus  a  chual  e  ;  ach  air  an  laimh 
eile  bha  dearbhadh  no  dha  air  fhaotainn 
aig  a'  bheadall  nach  robh  dreach  na  firinn 
air  an  naidheachd.  Ach  ged  nach  d'  thuirt 
e  ris  a'  bheadall  e,  bha  aon  ni  ann  a  bha  a' 
togail  fianuis  air  a  thaobh,  bha  an  leabhar- 
laoidh  fosgailte  air  clar  an  orgain  aig  an 
duilleig  air  an  robli  an  Dachaidh  Bhuan. 

Chuir  iad  as  na  soluis ;  ghlas  iad  na 
dorsan  ;  agus  chaidh  iad  dhachaidh  ;  am 
beadall  a  bha  leth-ruisgte  gu  maith  crosda 
a  chionn  gu'n  deachaidh  a  chur  as  an  lea- 
baidh  gun  aobhar,  agus  am  ministear  air  a 
chur  troimh-cheile  le  deacaireachd  a  bha 
do-thuigsinn. 

Anns  a'  nhaduinn  bha  an  tuilleadh  dorrain 
air  a  chur  air  Maighstir  Lockhart  le  fios 
a  thainig  o  Mrs.  Wylie,  bean  an  fhir-chiuil, 
gu'n  robh  Maighstir  Wylie  'na  laighe  tinn, 
agus  nach  b'urrainn  dha  an  t- organ  a  chluich 
anns  an  eaglais  an  t-Sabaid  ud.  Cha  robh 
duine  eile  d'am  b'  aithne  a  chluich  ach 
bean  an  fhir-lagha ;  ach  cha  robh  feum 
ann   a   bhi  a'   smuaineachadh   oirre-se,    oir 


bha  mac  6g  aice  Di-haoine.  Mar  sin  cha 
robh  air  a'  chilis  ach  gu'm  feumadh  an 
t-6rgan  a  bhi  'na  thamh. 

An  uair  a  rainig  Maighstir  Lockhart  an 
eaglais  dh'  innis  e  do  aon  de  na  fir  a  bu 
phrionnspalaiche  anns  a'  choisir-chitiil  mar 
a  bha  ;  agus  dh'  iarr  e  air  an  t-seinn  a 
ghabhail  os  laimh.  Bha  faitcheas  air  an 
duine  sud  a  dheanamh,  ach  gheall  e  gu'n 
deanamh  iad  uile  cho  maith  's  a  b'  urrainn 
dhaibh.  agus  dh'  atharraich  am  ministear 
te  de  na  laoidhean,  is  thug  e  dhaibh  te 
eile  a  b'  fhasa.  An  sin  chaidh  a  a  steach 
do'n  vestry.  Agus  chuir  e  air  a  chasag 
agus  a  chleoca,  los  a  bhi  deas  an  uair  a 
thigeadh  am  beadall  'g  a  iarraidh.  Ach 
am  feadh  's  a  bha  e  a'feitheamh  cluinnidh 
e  an  t-6rgan  a'  toiseachadh  mar  a  b'  abhaist ! 
Bha  duine-eigin  'ga  chluich!  Thug  so 
faochadh  is  togail  d'a  inntinn,  agus  thuirt 
e  ris  fhein  gu'n  d'fhuair  na  foirbhich  neach 
air  choreigin  air  son  na  seirbhis.  Ach  cha 
robh  uine  aige  fhaighneachd  c6  a  fhuair  iad. 

Chaidh  an  t-seinn  air  a  h-aghaidh  gun 
chearb.  Ged  nach  robh  cluas-chiuil  ro 
mhaith  aig  Maighstir  Lockhart  b'aithne 
dha  na'n  rachadh  dad  fada  cearr,  ach  cha 
deachaidh  dad  cearr  an  la  ud,  agus  cha 
bhiodh  fhios  idir  aige  nach  e  Maighstir 
Wylie  fhein  a  bha  aig  an  organ  mur  bitheadh 
aon  rud  beag  a  ghlac  'aii'e,  gu'n  robh  an 
ceol  agus  an  t-seinn  a'  toiseachadh  comhla, 
an  aite  an  t- organ  a  bhi  a'  togail  an  fhuinn 
m'an  toisicheadh  an  coimhthionail  air  an 
t-seinn.  Ach  shaoil  e  gur  h-ann  aig  an  fhear 
ris  an  do  bhruidhinn  e  mu'n  t-seinn  a  bha 
a  choire. 

An  uair  a  bha  an  t-seirbhis  uUamh  chaidh 
am  ministear  do'n  vestry  mar  a  b'  abhaist, 
a  chur  dheth  a  chleoca  ;  agus  bha  e  air  sin 
a  dheanamh  an  uair  a  dh '  f hosgail  am.  beadall 
dorus  na  vestry,  agus  na  leabhraichean 
aige.  Cho  luath  's  a  bha  an  dorus  air  fhos- 
gladh  rainig  fuaim  an  orgain  am  ministear, 
agus  a'  cheart  fhonn  a  chual  e  an  raoir  'ga 
chluich  air,  an  Dachaidh  Bhuan. 

"  Co  an  coigreach,"  ars  esan  ris  a'  bheadall, 
"  a  leig  a  glais  sinn  an  diugh,  agus  a  tha 
cluich  an  orgain  fhathast  ?  Tha  e  a'  leantuinn 
air  gu  maith  fada." 

"A'  cluich  an  orgain!  "  ars  am  beadall, 
"  Ciod  a  tha  sibh  a'   ciallachadh  ?  " 

"  Tha  mi  a'  ciallachadh  mar  a  thubhairt 
mi,"  ars  am  ministear,  gu  maith  grad ; 
"  CO  ar  tha  a'  cluich  an  orgain  ?  " 

"  Chan  'eil  mise  a'  cluinntinn  gliong  as 
an  organ,"  arsa  am  beadhall ;  "  cha  robh  an 
t-6rgan  air  uisneachadh  an  diugh." 

"  An  ann  bodhar  a  tha  thu,  Uilleam,  arsa 


SOLUS    ANNS    AN    EAGLAIS 


Maighstir  Lockhart,  nach  'eil  thu  'ga  chluinn- 
tinn  a  nis !  ' ' 

Co  dhiu  a  bha  am  beadall  air  son  am 
ministear  a  thoileachadh,  no  a  thug  e  air 
fhein  a  chreidsinn  gu'n  robh  e  'ga  cliluinntinn, 
thubhairt  e,  "  Ar  learn  gu  bheil  mi  a'  cluinn- 
tinn  seorsa  de  thuchanaich  neonach  anns 
an  eaglais :  is  fhearr  dhuinn  sealltainn 
ciod  a  tha  ann." 

Chaidh  iad  a  steach  comhla,  agus  direach 
an  uair  a  rainig  iad  taobh  thall  na  h-eaglais 
far  an  robh  an  t-organ  'na  shuidhe,  .stad 
an  ceol,  agus  faicear  an  coigreach  a  bha 
'ga  chluich  a'gkiasad  a  dh'  ionnsuidh  an 
doruis.  Le  buille  d'a  shtiil  chunnaic  Maighstir 
Lockhart  an  coslas  duine  a  bha  ann; 
oganach  ard,  gasda,  ann  an  eideadh  saigh- 
deir.  Choisich  an  t-6ganach  gu  luath  sios 
troimh  'n  eaglais,  gun  uiread  agus  aon 
siiil  a  thoirt  orra,  ach  ged  nach  bu  toigh 
leis  a'  mhinistear  glaodhach  as  a  dheidh, 
cha  mho  a  bha  e  air  son  a  leigeil  air  falbh 
gun  taing  a  thoirt  dha,  is  thuirt  e  ris  a' 
bheadall ;  "  Uilleam,"  ars  esan,  "  ruith 
as  a  dheidh  agus  abair  ris  gu'm  bu  mhaith 
learn  bruidhinn  ris." 

"  Ruith  as  deidh  c6  ?  "  ars  am  beadall." 

"  Co  ach  an  t-6ganach  a  bha  aig  an  organ  !  " 
arsa  Maighstir  Lockhart,  "nach  'eil  thu 
'ga  fhaicinn,  a  dhuine,  le  do  dha  shuil ; 
tha  e  aig  an  dorus  mu  d'  choinneamh." 

Cha  robh  Uilleam  a'  faicinn  an  oganaich 
le  a  dha  shiiil,  ach  do  bhrigh  nach  bu  toigh 
leis  dol  ro  laidir  an  aghaidh  a'  mhinisteir, 
is  e  a  thubhairt  e,  "  Ar  leam  gu  bheil  sgail- 
eagan  air  chor-eigin  aig  an  dorus,  ach  bheir 
mise  m'  fhacal  dhuibh,  a  m.hmistear,  nach 
fhaigh  e  a  mach  an  rathad  ud,  oir  ghlas 
mise  an  dorus-mor  an  deidh  do'n  choimh- 
thional  sgaoileadh." 

Mar  a  thubhairt  b'  fhior.  Bha  an 
dorus  mor  glaiste,  is  cha  robh  duine  ri 
fhaicinn  eadar  an  da  bhi.  Cha  robh  doigh 
aige  air  faotainn  a  mach  mur  do  thionndaidh 
e  a  mach  air  fear  de  na  dorsan-taoibhe. 
Thionndaidh  am  ministear  agus  am  beadall 
air  an  ais  cuideachd,  ach  cha  robh  oganach 
no  oganach  r'a  fhaicinn ;  bha  an  eaglais 
cho  falamh  samhach  ri  tigh-nam-marbh. 

"  Cha  chuala  mi  riamh  a  leithid  so, 
Uilleam,"  ars  am  ministear ;  "  c'aite  air 
an  t-saoghal  am  b'urrainn  do  fhear-a'-chiuil 
dol  ?  " 

"  Fear-a'-chiuil !  "  ars'  Uilleam,  "  c6  am 
fear-ciuil  ?  " 

"  Am  fear-ciuil  a  chluich  an  t- organ  aig 
an  t-seirbhis  an  diugh." 

Sheall  am  beadall  air  a'  mhinistear  gu 
dur ;  "  nach  'eil  fhios  agaibh  fhein  cho 
maith  's  a  tha  agam-sa  nach  robh  an  t-6rgan 


air  a  chluich  aig  an  t-sekbhis  ;  ach  tha 
eagal  orm,  a  Mhaighstir  Lockhart,  nach 'eil 
sibh  gu  ro  mhaith  an  diugh ;  bu  choir 
dhuibh  dol  dachaidh  agus  leigeil  'nur 
sineadh  greis." 

"  Uilleam,"  ars  am  ministear,  agus  fuaradh 
froise  ag  eirigh  air  aodann,  "  thig  leam  do 
thigh-an-t-seisein  gus  am  faic  mi  na  foirbh- 
ich." 

Rainig  iad  tigh-an-t-seisein :  bha  na 
foirbhich  an  deidh  an  t-airgiod  a  chunntas  ; 
bha  fear  dhiubh  'ga  chur  sios  ann  an  leabhar 
fada  caol,  agus  an  dithis  eile  a'  cur  an  airgid 
ann  an  da  phasgan  bheag ;  an  t-airgiod 
geal  ann  an  aon  phasgan  agus  na  sgillinnean 
ruadha  ann  am  pasgan  eile. 

"  Maduinn  mhaith  dhuibh,  a  dhaoin- 
uaisle,"  arsa  Maighstir  Lockhart  ris  na 
foirbhich. 

B'e  an  Doctair  a  fhreagair  air  son  chaich, 
"  Mar  sin  dhuibh  fhein,  a  mhinistear ; 
tha  sum  toilichte  gu'n  deachaidh  an  t-seirbhis 
air  a  h-aghaidh  gu  gasda  an  diugh  as  eugmh- 
ais  an  orgain.  Thug  an  t-seinn  'n  am  chuimh- 
ne  mar  a  bha  an  eaglais  anns  na  seann 
laithean,  m'  an  robh  organ  idir  againn. 

Bha  am  ministear  mar  gu'n  cailleadh  e  a 
chainnt ;  cha  d'thubhairt  e  diog  tuilleadh 
mu'n  organ,  ach  m'an  do  dhealaich  iad 
thuirt  e  ris  an  Doctau',  ' '  Chan  'eil  mi  'g  am 
fhaireachduinn  fhein  gu  maith  ;  ma  bhios 
iiine  agad  anns  an  fheasgar  thig  a  steach 
do'n  Mhanse  mionaid  bheag  'gam  fhaicinn." 

An  uair  a  chaidh  am  ministear  dhachaidh 
bha  a  tbeaghlach  uile  'n  an  suidhe  aig  a' 
bhord,  a'  feitheamh  ris  ;  a  bhean,  agus  a 
dhithis  bhalach,  agus  Mairi  bheag,  an  t-aon  a 
b'  oige  ;  caileag  bhoidheach,  le  fait  ban  is 
suilean.  gorma,  se  bliadlina  a  dh'  aois. 

"  0,  dhaidi,"  ars  a'  chaileag,  "  co  an 
saighdear  a  bha  ann  an  diugh  ?  " 

Chaidh  na  balaich  a  ghaireachduinn,  ach 
thainig  seorsa  de  ghruaim  air  aodann  am 
mathar. 

"  Gu  de  an  saighdear,  a  luaidh  bheag  ?  " 
ars  am  ministear. 

"  An  saighdear  a  bha  aig  an  organ  anns  an 
eaglais,"  ars  a'  chaileag. 

Chuir  so  na  balaich  gus  an  tuilleadh 
gaireachduinn,  ach  sheall  am  mathair  orra, 
agus  dh '  iarr  i  orra  stad  d'an  gaireachduinn  ; 
"  Iain,"  ars  ise  ris  an  duine,  "  chan  urrainn 
mi  a  dheanamh  a  mach  co  dhiu  a  tha  Mairi 
a'  fas  danarra  no  a  tha  rudeigin  cearr  oirre, 
ach  cha  ghabh  e  cur  aisde  gu'm  faca  agus 
gu'n  cual  i  saighdear  a'  chiich  an  orgain  an 
diugh." 

"  Bruidhneamaid  air  rudeigin  eile  ach  an 
t-orgaUj"  ars  am  ministear,  le  guth  erith- 
eannach  ;    "  ma's  ann  dhomhsa  a  tha  thu 


6 


SOLUS    ANNS    AN    EAGLAIS 


a'  lionadh  an  truiniiseir  sin,  a  bhean,  tha 
tuilleadh  's  a  choir  air,  oir  chaii  'eil  cail  do 
bhiadh  agam  an  diugli/' 

Cha  mho  a  bha  call  aige  do  chadal  an 
deidh  na  dinnearach,  ach  ged  nach  robh  e 
'ga  fhaireachduinn  fhein  gu  maith,  smnainich 
e  gu'n  rachadh  e  a  dh'  amharc  Mhaigstir 
Wylie  a  bha  tinn  air  an  leabaidh.  Bha  am 
feasgar  a'  ciaradh  an  uair  a  shuidh  e  aig 
taobh  na  leapa,  air  chor  agus  nach  bu  leir 
dha  gu  soilleir  na  bha  mu'n  cuairt  air  anns 
an  t-seomar,  ach  an  uair  a  thainig  Mrs. 
Wyhe  a  steach  agus  a  las  i  an  solus,  laigh 
siiil  a'  mbinisteir  air  dealbh  a  bha  crochte 
air  a'  bhalla,  dealbh  oganaich  ann  an  eideadh 
saighdeir.  Dh'aithnich  Maighstir  Lockhart 
an  dealbh,  dealbh  an  duine  oig  a  chunnaic 
e   anns  an  eaglais. 

An  uair  a  chunnaic  an  duine  a  bha  air  an 
leabaidh  gu'n  robh  suil  a'  mhinisteir  air  an 
dealbh,  tnuirt  e  ris, — • 

"  Sin  agaibh  mo  mhac  a  bha  air  a  mharbh- 
adh  anns  a'  chogadh.  Bha  e  'n  a  fhear-ciuil 
maith,  agus  anabarrach  maitb  air  an  organ, 
is  bhiodh  e  daonnan  ag  iarraidn  orm  leigeil 
leis  m'aite  a  ghabhail  la  air  choreigin  anns 
an  eaglais.     Tha  mi  dviilich  a  nis  nach  do 


leig  mi  sin  leis  ;  ach  bha  e  car  an  aghaidh 
mo  naduir  duine  air  fcith  a  chur  'n  am  aite, 
agus  CO  dhiM  bha  mi  an  dull  gu'n  robh  esan 
ro  6g.  Ach  gheall  mi  dha  gu'n  leiginn  leis 
an  t-6rgan  a  chluich  a'  cheud  iiair  a  bhiodh 
dad  cearr  orm,  agus  nach  b'  urrainn  dhomh 
fhein  a  dheanam.h.  Agus  na'n  robh  e  air  a 
chaomhnadh  gus  an  diugh,  theagamh  gu'm 
biodh  e  'n  am  aite. 


Lath  a  no  dha  'na  dheidh  sud,  fhuair  an 
rim-chleireach  aig  a'  Chomunn  a  tha  a' 
rannsachadh  diomhaireachd  na  taibhsearachd 
agus  an  dara-seallaidh  an  litir  so  : — ■ 

Manse  Bhaile-Bhlair, 
20mh  la  de  November,  19 — • 

"  Bhithinn  'n  ad  chomain  na'n  cuireadh 
tu  m'ainm  sios  mar  aon  de  bhuill  a'  chomuinn. 
Ma  leigeas  tu  fios  thugam  ciod  a  bhios  agam 
ri  phaigheadh,  cuiridh  mi  thugad  e  leis  a' 
phosta. 

Is  mise,  etc., 

"  Iain  Lockhart." 


Anns  a'  Chathair 


THA  e  air  a  radh  nach  'eil  e  freagarrach 
do  mhinistearan  a  bhi  bruidhinn  mu  shear- 
monachadh  na's  mo  na  tha  e  do  ghreusaiche 
a  bhi  bruidhinn  air  brogan,  no  do  ghille- 
tuathanaich  a  bhi  bruidhinn  air  treabhadh. 
Ach  chan  'eil  naire  air  bith  orm-sa  a  radh 
gur  toigh  learn  a  bhi  bruidhinn  mu  shear- 
monachadh,  agus  gur  toigh  leam  a  bhi 
cluinntinn  dhaoine  eile  a'  bruidhinn  uime 
cuideachd.  Cha  rachainn  fad  mo  choise  a 
dh'  eisdeachd  greusaiche  a'  bruidhinn  air 
treabhadh,  no  a  dh'  eisdeachd  gille-tuathan- 
aich  a'  bruidhinn  air  uachdair  bhrog  is 
gearr-bhuinn  ;  b'fhearr  leam  gu  mor  gach 
fear  dhiubh  a  thoirt  an  aire  air  a  ghnothuch 
fhein. 

Mar  sin  cha  ruig  mi  leas  mo  lethsgeul  a 
ghabhail  air  son  tarruing  a  thoirt  air 
searmonachadh  aon  uair  eile  air  an  duilleig 
so,  oir  a  dh'  aindeoin  gu  bheil  moran  dhaoine 
a'  cur  na  h-oifig  sin  an  suarachas  an  diugh 
tha  mi  a'  creidsinn  nach  'eil  gin  idir  de  na 
meadhonan  leis  a  bheil  an  eaglais  a'  cur  air 
aghaidh  rioghachd  Dhe  anns  an  t-saoghal  a 
tha  cho  eifeachdach  ri  searmonachadh. 

Tha  e  duilich  a  radh  co  dhiu  a  tha  an 
searmonachadh  a  chluinnear  anns  na  laithean 
so  na's  fhearr  no  na's  miosa  na  bha  e  anns 
na  laithean  a  dh'  f halbh .   Their  seann  daoine 


nach  'eil  anTlara  cuid  cumhachd  no  iighdarras 
anns  na  ctibaidean  an  diugh  mar  bha  annta 
leth  cheud  bliadhna  roimh  so,  ach  bha  seann 
daoine  ag  radh  an  ni  ceudna  o  thoiseach  an 
t-saoghail.  Ach  'na  aghaidh  sin  tha  so  ri 
radh  nach  'eil  seorsa  leabhraichcan  air  an 
t-saoghal  air  a  bheil  cho  beag  de  mheas  anns 
a'  mhargadh  ris  na  searmoin  aig  seann 
diadhairean.  Theagamh  gu'm  faigh  thu 
deich  dhiubh  air  tasdan  no  eadhon  air  grot  ; 
Boston  agus  Blair  agus  Hall  agus  Chalmers 
agus  Candlish  air  an  ceangal  ann  an  cean- 
glaichean  nam  marbh,  agus  air  an  reic  air 
tasdan  ;  ach  cha  chuireadh  na  ceart  dhaoine 
a  bhios  ag  ardachadh  nan  searmonaichean 
sin  OS  cionn  feadhainn  an  la  diugh  sgillinn 
eile  orra.  An  rud  a  fhreagras  air  aon  ghineal 
cha  fhreagair  e  air  ginealan  eile  ;  ged 
nach  'eil  an  soisgeul  fhein  ag  atharrachadh 
tha  an  doigh  anns  a  bheil  an  soisgeul  air  a 
theagasg  agus  air  a  thuigsinn  ag  athar- 
rachadh linn  an  deidh  linn.  Co  an  diugh  a 
dh  'eisdeadh  ri  ministear  a'  searmonachadh 
air  na  briathran,  Bithidh  ochd  buird  ann  agus 
an  casan  a  dh'  airgiod,  se  casan  deug  ;  da  chois 
fo  aon  bhord,  agus  da  chois  fo'n  hhord  eile,'' 
agus  a'  searmonachadh  orra  fo  she  deug 
ceann,  ceann  air  son  gach  coise,  agus  cairteal- 
na  h-uarach  aige  air  gach  ceann  ?    Theagamh 


ANNS    A'    CHATHAIR 


gu'n  cluinnear  iomadh  rud  neonach  o  chu- 
baidean  an  diugh  fhathast  ach  tha  mi  an 
dull  nach  cluinnear  stalcaireachd  de'n  seorsa 
so  bhuapa  co  dhiu.  Bha  na  beachdan  a  bha 
aca  rau  Fhacal  an  Tighearna  a'  toirt  air  na 
seann  diadhairean  a  shaoilsinn  gu  robh 
brigh  dhiomhair  is  spioradail  anns  a  h-uile 
facal  de'n  Bhiobull,  c6  air  bith  a  labhair  am 
facal,  Dia,  no  duine  naomh,  no  peacach  ;  bha 
iad  an  diiil  gu  robh  beatha  do'n  anam  ri 
fhaotainn  ann  an  leabhar  Lebhiticus  cho 
cinnteach  's  a  tha  beatha  do'n  anam  ri 
fhaotainn  ann  an  teagasg  Chriosd,  no  ann 
an  litrichean  Phoil ;  bha  iad  an  diiil  gu 
robh  a'  cheart  uiread  ixghdarrais  mar  fhacal 
an  Tighearn  aig  na  caibidealan  anns  a 
bheil  cunntas  air  obair  goibhneachd  is 
saorsainneachd  na  pailliunn  's  a  tha  aig 
na  caibidealan  anns  am  faighear  teagasg 
Chriosd. 

Ciod  an  seorsa  searmonachaidh  as  buan- 
nachdaile  do  choimhthional  ?  Theirinn  gur 
e  searmonachadh  anns  a  bheil  spioradalachd, 
agus  searmonachadh  a  tha  air  a  tharruing 
as  a  Bhiobull.  Ach  tha  e  air  a  radh  nach 
cluinnear  an  seorsa  searmonachaidh  sin  cho 
trie  anns  na  h-eaglaisean  an  diugh  's  a 
chluinnear  seorsachan  eile. 

Tha  iom.adh  aobhar  a'  comh-oibreachadh 
raaUle  ri  cheile  gus  spioradalachd  a  chall, 
ach  is  e  an  t-aobhar  sonraichte  nach  'eil 
searmonaichean  na's  spioradaile  'n  an  teagasg 
na  tha  iad  gu  bheil  eagal  orra  an  cridh- 
eachan  fhosgladh  an  lathair  dhaoine  eile 
agus  innseadh  dhaibh  ciod  a  dh'  fhios- 
raich  agus  a  dh'  fhairich  iad  fhein  mu  na 
nithean  air  am  bi  iad  a'  bruidhinn.  Neo-ar- 
thaing  nach  innis  iad  gu  h-6rdail  ealanta 
ciod  a  dh'  fhiosraich  agus  a  dh'  fhairich 
Pol  is  Augustine  is  Iain  Wesley  is  daoine 
eile,  ach  innsidh  iad  e  mar  naidheachd  a 
leugh  no  chual  iad,  is  chan  abair  iad  aon 
diog  mu  am  fiosrachradh  agus  am.  faireachadh 
fhein.  Chan  abrainn  searmonaiche  maith  no 
searmonaiche  spioradail  ri  searmonaiche  de'n 
t-seorsa  sin. 

Bho  chionn  bbliadhnachan  tbachair 
dhomh  a  bhi  ann  an  aite  far  an  do  thoisich  da 
bhoirionnach  de'n  t-seorsa  ris  an  abair  iad 
anns  a'  Bheurla  Pilgrims  air  coinneamhan 
soisgeulach  a  ghleidheadh  ;  bha  baigh  agam 
ris  na  boirionnaich  a  chionn  gu  robh  iad 
eudmhor  anns  an  t-soisgeul,  is  chaidh  mi  do 
na  coinneamhan.  Bha  te  dhiubh  a  bha  maith 
air  labhairt  agus  te  nach  robh,  ach  cha  robh 
uair  a  dh'  eirich  an  te  nach  robh  maith  air 
bruidhinn  'n  a  seasamh  nach  d'  innis  i  ann 
an  doigh  chiiiin  shimplidh  an  t-aoibhneas 
agus  an  t-sith  a  fhuair  i  o'z:i  la  anns  an  do 
chreid  i  ann  an  cumhachd  an  t-Slanuigheir 


agus  an  do  ghabh  i  le  h-uile  chridhe  ri  tairgse 
an  t-soisgeil.  Cha  robh  a'  bheag  de  sgoil  no 
dh'  eolas  aice  ach  air  a  shon  sin  rinn  i 
druidheadh  air  mo  chridhe  nach  h-urrainn 
mi  innseadh,  oir  thug  i  seachad  fianuis  air 
na  nithean  a  dh'  fhiosraich  i  'n  a  h-anam 
fhein.  Agus  is  e  sin  an  seqrsa  searmonachaidh 
a  tha  buannachdail  do'n  luchd-eisdeachd. 
Theagamh  gu  bheil  so  air  uairean  air  a 
dheanamh  ann  an  doigh  nach  'eil  freagarrach 
no  iriosal,  ach  mur  bheil  searmonaiche  a' 
toirt  do  choimhthional  fhianuis  no  fhios- 
rachadh  fhein  chan  'eil  ann  ach  umha  a  ni 
fuaim  no  ciombal  a  ni  gleangarsaich.  Is 
beag  am  feum  ged  labhradh  e  gu  fileanta 
agus  gu  h-6rdail  mu  eachdraidh  chloinn 
Israeli  no  ged  dh'  innseadh  e  mu  na  Phair- 
isich  agus  na  Sadusaich,  mur  cuidich  e  le 
daoine  an  rathad  fhaotainn  gu  Dia,  tobar 
na  beatha  agus  na  slainte. 

Chan  'eil  nioladh  as  airde  air  searmon- 
aiche na  gu  bheil  e  eolach  air  litir  a'  Bhiobuill 
is  gaolach  air  a  theagasg,  agus  gu  bheil 
ealadhain  aige  air  a'  Bhiobull  fhosgladh  do 
dhaoine  eile  air  chor  agus  gu'n  cluinn  iad 
ann  guth  a  tha  a'  labhairt  ri  'n  coguis.  Tha 
an  guth  sin  ri  chluinntinn  anns  a'  Bhiobull 
agus  leanaidh  am  Biobull  air  labhairt  ri 
cridheachan  is  coguisean  dhaoine  gu  deireadh 
an  t-saoghail.  Coma  leam  searmonaichean 
a  bhios  a'  faotainn  an  cinn-theagaisg  anns 
na  paipearan-naidheachd  mar  nach  biodh 
gu  leoir  dhaibh  anns  a'  Bhiobull.  Tha  an 
seorsa  sin  mar  gu'm  biodh  na  cocairean  ; 
a'  deanamh  stodhannan  a  bhios  mills  do'n 
bhlas  CO  dhiu  a  bhios  iad  maith  do  shlainte 
dhaoine  no  nach  bi. 

Cha  robh  la  riamh  ann  a  bha  e  cho  feumail 
do'n  eaglais  labhairt  gu  simplidh  agus  gu 
soilleir  mu'n  Bhiobull  's  a  tha  e  an  diugh. 
Leis  na  bhios  iad  a'  leughadh  agus  a'  cluinn- 
tinn  mu  sgoilearachd  a'  Bhiobuill,  a,gus 
mu  obair  nan  daoine  ris  an  abrar  na  Higher 
Critics,  tha  moran  de  shluagh  na  diithcha 
so  an  dull  ziach  eil  a'  bheag  de  iighdarras 
aig  a'  Bhiobull  seach  mar  tha  aig  leabh- 
raichean  naomh  eile,  agus  nach  urrainnear 
a  radh  gur  e  facal  an  Tighearna  a  tha  ann, 
a  chionn  gu'm  faighear  mearachdan  ann 
a  thaobh  iomadh  ni  agus  beachdan  air 
an  robh  dreach  na  firinn  an  leanabachd 
an  t-saoghail'  ach  ris  nach  urraiini  sinne 
gabhail  an  diugh.  Is  e  dleasdanas  a  h-uile 
ministear  teagasg  ceart  a  thoirt  do  dhaoine 
m'an  Bhiobull ;  is  e  a  dhleasdanas  inntinnean 
dhaoine  oga  gu  sonraichte  a  threorachadh 
los  gu'm  faic  iad  maise  agus  firinn  agus 
cumhachd  a'  Bhiobuill,  agus  gu'm  bi  iad 
comasaeh  aii'  a  thuigsinn  nach  ami  anns  an 
litir  no  anns  an  fbacal  a  tha  iighdarras  a' 


ANNS    A'    CHATHAIR 


Bhiobuill  ach  amis  an  spiorad  gheur  agus 
bheo  leis  a  bheil  e  air  a  lionadh,  agus  leis 
a  bheil  e  a'  labhairt  ri  coguis  mhic  an  duine 
anns  gach  linn,  agus  mar  sin  'g  a  dhearbhadh 
fhein  mar  theachdaireachd  o  Dhia. 

Chan  ann  gus  a  bheachdan  fhein  air  uile 
chiiisean  an  t-saoghail  a  tha  ministear  air  a 
chur  suas  do  chrannaig,  ach  gus  treud  Dhe  a 
bheathachadh  le  facal  na  slainte.  Mar  sin 
tha  e  glic  dha  leantuinn  dluth  ris  a'  Bhiobull, 
a  theagasg  a  tharruing  as  a'  Bhiobull,  agus 


a  shearmoin  a  lionadh  le  briathran  a'  Bhio- 
buill. Dh'  fhalbh  na  laithean  anns  am  biodh 
daoine  a'  dol  do'n  eaglais  air  sgath  an 
fhasain  ;  na  tha  dol  innte  an  diugh  tha  iad 
a'  dol  innte  a  dh'  iarraidh  rud-eigin  ;  a  dh' 
iarraidh  an  anam  a  bheathachadh,  agus 
chan  'eil  seorsa  searmonachaidh  no  teagaisg 
eile  a  bheathaicheas  an  t-anam  coltach  ris  an 
t-searmonachadh  a  tha  air  a  steidheachadh 
air  a'  Bhiobull,  agus  a  tha  Ian  de  spiorad 
agus  de  litir  a'  Bhiobuill. 


Achan  An  Deoraidh 


THA  each  a'  triall  d'  an  aros  fein 
Mar  dh'  iarras  eun  d'  a  chos  ; 
Am  fardaichean  'nan  saoghal-cein. 
Gun  bhlath  'na  ghrein  do  'n  Deor, 
Gun  toman  fraoich  an  sin  e  thaobh, 
Gun  bhraon  a  ni  e  61 — 

An  ceol  tha  togail  inntinn  chaich 

A'  gitilan  da-san  broin. 


Co  dh'  ionnsuidh  thig  mi  's  mi  fo  leon 

Ach  dh'  ionnsuidh  Teo-Mhic  Dhe  ? 

Bha  Thus'  ad  dheoraidh  iomadh  bHadhn' 

Ag  iargain  fior-uisg  Neimh  ; 

Ad  ghairdean  sheunadh  mi  am  oig, 

Is  fhuair  mi  coir  do  threud — • 

'S  ge  trie  bha  grainealachd  am  Ion, 
Tha  bias  do  phoig  am  bheul. 


Ciim  teagasg  m'  oige  ghnath  fo  m'  shuil, 

Mar  shruthan-iuil  's  a'  cheo, 

Is  iirnuighean  mo  shluaigh  am  cheum, 

A  reir  gach  feum  a  chro  ; 

Biodh   gair   do   chuain   a   chaoidh   am 

chluais, 
'Gam  nuallan  thun  do  Ghloir — 

Is  long  nam  miann  'gam  fheitheamh 

siar, 
'S  an  lionadh  anns  an  6b. 

CoiNNEACH  Mac  Leoid. 


Laoidh 


"  Beannaichibh  an  Tighearn,  sibhse  ainglean  .  .  .  beannaichibh  an 
Tigheam,  shldigh  uile  .  .  .  beannaichibh  an  Tighearn,  oibre  uile 
.   .   .  beannaich  an   Tighearn,   0  nt   anam  I  " 


A  Thighearn,  molaidh  sinne  Thu, 
Do  'n  Athair  Shiorruidh  bheir  sinn  cliu 
Bheir  treubhan  adhar,  tir,  is  cuan, 
Le  'n  guthan  aoradh  dhuit  gu  buan. 

Dhuit-sa  tha  glaodh  nan  aingle  ghnath, 
Le  prionnsachan  nan  speur  gach  trath  ; 
Na  feachdan  lionmhor  shuas  mar  aon 
A'  seinn  mar  so  na  seis  nach  claon  : 


"  A  Righ  tha  naomha,  naomha,  naomh, 
Do  chliusa  seinnidh  sinn  gu  caomh  ; 
Tha  neamh  is  talamh  Ian  de  d'  ghloir, 
Is  morachd  soillse  ghnath  'na  d'  choir." 

Dhuit-sa  thig  abstoil  ghloirmhor  dliith  ; 
Dhuit-sa  bidh  faidhean  a'  toirt  cliu  ; 
Dhuit-sa  bidh  marturaich  gun  chlaoidh 
Aig  seirbhis  aigh  a  la  's  a  dh'  oidhch'. 


Dhuit-sa  thig  glou-  gach  tir  o  d'  naoimh  ; 
Dhuit-sa  an  aoradh,  Athair  chaoimh  ; 
Dhuit-sa,  a  Mhic  bidh  cliu  nach  claon, 
Dhuit-sa,  a  Spioraid.— Tri  an  x4on. 


i%^H-  S6